Displaying extended context for query match in text 217001
    

comhla ri an saorsa , a bhi air an toirt air falbh bhuapa .
 
A nis , ma ' s ceart agus reusonta na tha mi a ' tilgeal an céill an so , ar leam féin nach eil roinn no ceàrn de Albainn far is mò a tha de dhuil is de fhiughair ri coinneachadh ri lorg no fuigheal de na nòsan cinneachail a b ' àbhaist a bhi aig na Cruithnich na anns an dùthaich sin air an robh Màrr uaireiginn mar ainm .
 
Bha a ' mhór - roinn so ga shuidheachadh an teis meadhon rìoghachd nan Cruithneach ; agus air an aobhar sin de an nì is nàdurra air fad na gu ' n leanadh muinntir na dùthcha sin ri nòsan is gnàthaichean an sinnsearan fada an déidh daibh sud a bhi air an leigeil gu taobh no air an caitheamh ás an roinnean eile de Albainn nach robh air an nochdadh air a ' cheart dòigh , no anns a leth - bhreac tomhais , d ' a leithid sin de bhuaidh làidir ?
 
Air an aobhar so , tha mi de ' n bheachd nach toir aon chuid éirigh suas Ghille - Chrìosd , no

Powered by CQPWeb