Displaying extended context for query match in text 125
    

s falbh na luinge , A ' sradadh an eanchainean geala , Feadh gach tuinne .
 
Iad ri nuallanaich ard - uamhaineach , Searbh thùrsach ; ' G eubhach , gur h - iochdarain sinne , Dragh chum bùird sinn : Gach min - iasg a bh ' ann san fhàirge , Tarr - gheal , tiunndait ' ; Le gluasad confach na gailbheinn , Marbh gun chunntas .
 
Clachan a ' s maorach an aigeil , Teachd an uachdar , Air am buain a nuas le slacraich , A chuain uaimhreich .
 
An fhairge uile ' si ' na brochan , Strioplach , ruaimleach , Le fuil ' s le gaor nam biast lorcach , ' S droch dhath ruadh orr .
 
Na bèistean adharcach iongach , Pliutach , lorcach ; Lan cheann - sian nam beoil gun gialaibh , ' S an craos fosgailte .
 
An aibheis uile lan bhochdan , Air cragradh , Le spògan ' s le earbuill mor - bhiast , Air magradh .
 
Bu sgreamhail an ròbhain sgriachach , Bhi ' ga eisdeachd , Thogadh iad air caogad mìlidh , Eatrom céille .
 
Chaill an sgioba càil g ' an claisteachd , Ri bhi '

Powered by CQPWeb