Displaying extended context for query match in text 2
    

Magaidh a - staigh .
 
' S e gàire car neònach a rinn a ' chailleach .
 
“ Chan e a thigeadh oirre , ” ars ise .
 
“ Dh ' fhalbh i còmhla ri fear le càr mòr dearg .
 
” Air an t - slighe dhachaigh thòisich e a ' lorg leisgeulan do Mhagaidh .
 
Fios cabhagach ?
 
An robh e cho cabhagach ' s nach d ' fhuair i air facal fhàgail aig a nàbaidh ?
 
Ach bha e air a coimhead còmhla ri fear a ' chàir roimhe .
 
Chuimhnich e air rudan eile a bha amharasach , ged nach do chuir e sùim annta aig an àm .
 
Thàinig an t - aithreachas air ais .
 
Carson a bha e a ' caitheamh a h - uile sgillinn a bha aige air Magaidh , agus gun càil aige a phàrantan ach am

[TD 125]

peinnsean ?
 
Carson nach deach e a choinneamh athar a bha trì fichead bliadhna ' s a deich ?
 
Carson a dh ' fhalbh e leis a ' bhàrr agus leis an iasg ?
 
Ach nuair a ràinig e an dachaigh bha solas is blàths an sin .
 
Bha a mhàthair san leabaidh

Powered by CQPWeb