Displaying extended context for query match in text 217001
    

ris an canadh iad “ Còir a ' Mhàthar ” fada an déidh daibh bhi air an tionndadh gu an creideamh Crìosdail , agus air an Gàidhealachadh leis an t - sluagh a bha ri an ainm a sparradh orrasan is air an dùthaich air fad .
 
Chaidh an rìoghachd a bh ' aig na Cruithnich a chur ás di anns an naodhamh linn ; ach ged a chaill na Cruithnich mar so an saorsa chinneachail , còmhla ris a ' chànain dhùthchasaich a bhuin daibh , cha robh e idir furasda do na Gàidheil cuid de shean àbhaistean nan Cruithneach a chur fodha , agus a mhùcadh ás .
 
Chan eil nì is dorra a thoirt am mach na sgarradh buan - mhaireannach a chur eadar sluagh lìonmhor agus an nòsan dualach .
 
Gabhaidh gu tric saorsa is cànain cur ás daibh , gun mhòran spairn a bhi riatanach chum sin ; ach , am bitheantas , mairidh “ gnàths is àbhaist ” am measg shluaigh linntean an déidh daibh bhi air an co - éigneachadh gu an saorsa dhùthchasach is an cànain mhàthaireil féin a thoirt suas , air àilgheas an cuid luchd - fhòirneirt .
 
* Uime sin

Powered by CQPWeb