Displaying extended context for query match in text 316
    

Chionn ' s nach d ' fhuair esan faireachadh air nì , dh ' èigh e , “ Tha sibh uile air ur mealladh .
 
Chan eil nì idir ann .
 
” Thug gach fear breith a rèir a ' chothruim a fhuair e .
 


[TD 20]

[ Blank ]

[TD 21]

1 Bha dà fhacal an còmhnaidh air bilean Ted ; dh ' fhòghnadh aonan dhiubh ann an cluais Thormoid , gu chìrean a thogail .
 
Nan robh Ted air fuireach ann an New York , far an robh a dhachaigh ; no mur robh e air “ local colour ” abairt cho tric ; no mur robh e a ' cathachadh an aghaidh Thormoid bhon cheud oidhche a thàinig e le ceum spairiseil a - steach don bhàr far an robh Dòmhnall Phàdraig a ' riaghladh is na fir ' nan suidhe — dòcha gu robh seann dòighean air a dhol bàs gun dad den neònachas seo a bhith air an ath - dhùsgadh .
 
Ach chionn ' s gu robh Ted air nighean as na h - Eileanan a phòsadh , thàinig e air sgrìob a - nall as New York còmhla rithe .
 
Dòcha nach tigeadh seòrsa spadaireachd Ted

Powered by CQPWeb