Displaying extended context for query match in text 2
    

dh ' fhosgail e na ròpan agus bha Ealasaid fo astar .
 
Nuair a fhuair e air falbh bhon chidhe , bha e airson na siùil a chrochadh gus an sàbhaileadh e ola , ach nuair a dh ' fhaighnich e do Mhata an e siùil a bha iad ag iarraidh ' s e a thuirt e : “ Tha sinn ag iarraidh nan seòl agus an inneil .
 
” Chuir Seòras an àirde an dà sheòl agus chùm e am bàta cruaidh air a ' ghaoith a bha meadhanach làidir bho dheas .
 
Ach bha e a ' fàs amharasach .
 
Faisg air meadhan - là thàinig Lùcas a shloc a ' choilich agus dh ' iarr e air Seòras a thighinn dhan chèaban gus an innseadh e dè an naidheachd a bhiodh air Rèidio nan Gàidheal aig dà uair dheug .
 
Stad Seòras an t - inneal agus chuir e na siùil air dòigh gus an stadadh an t - eathar .
 
Bha i an uair sin ' hove to ' , mar a chanas seòladair , agus dh ' fhaodadh e am falmadair fhàgail .
 
Lorg e an stèisean air an rèidio agus chlisg e nuair a chuala

Powered by CQPWeb