Displaying extended context for query match in text 102003
    

coisrig sinn !
 
có thusa ?
 
” “ Is mise ' Colainn - gun - cheann .
 
' Is mi a mharbh do bhràthair - altruim ' s bidh do bheatha - sa agam an nochd .
 
” Is e bh ' ann , a mhic - chridhe , gu ' n do ghabh e fhéin ' s “ Colainn - gun - cheann ” an dromannan a chéile , ' s ma ghabh cha bu ghleachd e gus an oidhche sin .
 
Mu dheireadh , rinn Raonull pasgadh - na - pìoba oirre , agus sparrar ' n a achlais i g ' a toirt gu solus , los gu ' m faiceadh e có b ' ì .
 
Ghrìos a ' s ghrìos i air a leigeil ás ach mur do theannaich cha do lasaich e idir a ghréim .
 
Mu dheireadh thall , an uair a thuig i nach robh dol ás aice , gheall i dha , nach cuireadh i dragh tuille air beathach no air duine fhad ' s a bhiodh gin a bhuineadh dha am Mòrair , ' s cha mhò chuir .
 
Air na cumhlaidean so leig e a cead d ' i .
 

Powered by CQPWeb