Displaying extended context for query match in text 217001
    

a sheasas ' n a mhaise nuair a bhitheas gach càrn - cuimhneachain faicsinneach ' n a laighe anns an smùr .
 
Thall mu choinnimh na Gàidhlig , cha ' n ' eil Beurla nan Gall ach òg ann an Albainn .
 
Gidheadh tha ise cuideachd air tighinn gu ìre agus cliù .
 
Tha nise mìle agus cuig ceud bliadhna o ' n àm anns an robh i suidhichte ann an Innis Thorc mu thuath , agus á sin agus á tìrean eile bha i fad iomadh linn a ' tadhall agus a ' tolladh a steach air crìochaibh nan Cruithneach .
 
Cha bu tric a bha blàr cogaidh ann an Albainn anns nach d ' éirich a caithream .
 
Mu dheireadh , chomh - mheasgaich i briathran Lochluinneach , Shasunnach , Fhriseanach , agus Olainteach ' n an aona chainnt , bhrùchd i oirnn o dheas agus fhuair i dol - a - steach gu cùirt an rìgh .
 
Mar so thòisich i air ionad agus còir na Gàidhlig agairt di féin .
 
Thionail i neart .
 
Le mór chleachdadh , dh ' fhàs i ' na h - inneal deas ealamh air son bàrdachd agus eachdraidh , agus rinn

Powered by CQPWeb