Displaying extended context for query match in text 11
    

” Choinnich fàileadh a ' bhrochain sinn air an staidhre .
 
“ Tha cianalas lugha orm , ” thuirt mi ris an urramach , “ ' s daoine air am bi ' n cianalas , a tha gu bàsachadh leis a ' chianalas .
 
An duine a b ' aingidh ris na choinnich mi riamh – Sgiathanach – cha robh an cianalas a ' falbh dheth .
 
Ach innis dhomh an dràsd – dè tha am fàileadh sin a ' toirt na do chuimhne ?
 


[TD 86]

“ Latha na Sàbaid , ” ars an t - urramach .
 
Brochan mòr na Sàbaid .
 
” “ ' S e .
 
” Stad sinn air an staidhre , mar dà amadan .
 
“ Am bus air tilleadh às an t - searmon … ” “ Dà uair feasgar … ” “ Oighrig piuthar mo mhàthar a ' tighinn às a ' bhus aig an rathad chruinn … ” “ Cha bhiodh m ' athair no mo mhàthair a ' dol dhan an t - searmon uair sam bith … “ Bhiodh m ' athair a ' dol dhan a ' choinneamh bheag , aig sia … ” “ ' Eil cuimhn

Powered by CQPWeb