Displaying extended context for query match in text 2
    

cuideachadh a ' ghàirnealair .
 
” Bha Eilidh glè dheònach .
 
“ Seo a ' chiad rong air an fhàradh , ” ars ise .
 
“ Tha mi cinnteach , a ghràidh , gun dìrich thu .
 
” Agus bha i ceart .
 
Tha Seòras an - diugh na phrìomh ghàirnealair aig diùc ainmeil ann an Sasainn .
 


[TD 13]

3 .
 
Am Preas Aodaich Dh ' fhaodadh an aimlisg a tha anns an eachdraidh seo tachairt do dhuine sam bith .
 
Cha b ' e nach robh mi faiceallach bu choireach gun thachair e idir , ach nach robh mi amharasach gu leòr .
 
Nan robh mi air aon cheum eile a dhèanamh a bharrachd air na rinn mi - ach mus cuir sibh cus coire orm , beachdaichibh an robh sibh air an ceum sin a dhèanamh .
 
Tha an taigh againne agus taigh Eilidh , nighean mo pheathar , ri taobh a chèile .
 
Tha Murchadh , an duine aig Eilidh , na mhanaidsear air companaidh a tha a ' dèanamh choimpiutairean agus tha iad gu math nas beartaiche na a ' mhòr - chuid a tha sa choimhearsnachd .
 
Tha taigh mòr aca agus tha e làn dhe

Powered by CQPWeb