Displaying extended context for query match in text 102003
    

an fhortain a bhuilich Dia ort , ciod sa bith e ; ma bhios tu làn - thoilichte leis , meallaidh tu rùintean do naimhdean .
 
Co aig tha fios nach e dòigh is fhèarr .
 
Is ioma caisleachadh bu mhò fhuair oighreachdan eile ; ach an ionad an cur ás am bonn , ' s ann a fhriamhaich iad le barrachd gramalais na bha aca riabh roimhe .
 
Ge b ' e fear ris an earb thu riaghladh na h - oighreachd , thoir an t - seal - aire nach leig thu ' n ailm á d ' achlais fhéin .
 
Cùm mion - chùnntas air gach bónn a phàidheas tu agus a thig a stigh dhut ; cumaidh e d ' fhadal dhìot , agus thig e gu d ' bhuannachd ; oir cumaidh a ' s gleidhidh e do sheirbhisich ri ' n dleasnas , agus , air an aobhar sin ' n ad dheagh - ghean .
 
A chaoidh na tarrainn téinn ort fhéin le mi - chiall no struidhealachd — le airgead a ghabhail an iasad air urras , no ' n geall na h - oighreachd , no ràthan a ' mhàil .
 
Bheir

Powered by CQPWeb