Displaying extended context for query match in text 217001
    

iomadh linn bha teanga gharg Lochluinn a ' fuaimneach air feadh nan eileanan ; agus an Fhraingis mhìn ' g a sanas le a rìgh agus a tighearnan .
 
Ach b ' i a ' Ghàidhlig o chian cànain ar gineal , agus ' n a h - ionmhais iongantaich gheibhear fhathast — seudan lom - chaithte a fhuair i mar thiodhlacan - dealachaidh o gach aon diubh sud ; seadh agus a theagamh smùirneanan crìon o theangaidhean eile a fhuaras ' n ar crìochaibh — o chainntean nan Ibhearach agus nam Fear - bolg , agus o chainnt nan Cruithneach , an sliochd lìonmhor sin o ' n d ' thàinig cuid mhór de ar cinneach Albannach .
 
Ach ma chaidh bloighdean beaga diubh so a ghleidheadh tha iad uile air am muthadh gu dreach na Gàidhlig , oir b ' ise deagh chànain dhualach na dùthcha , a tha ' n a neart agus ' n a caomhalachd fior shamhlachail dì .
 
A nuas o linntean dorcha , fad o chuimhne , gus an là an diugh , chualas ann an Albainn a guthan iomadach , air monadh , air tràigh ,

[TD 17]

agus am measg àrosan dhaoine .
 

Powered by CQPWeb