Displaying extended context for query match in text 234002
    

ort , a Bhassanio ; innis so dhomh ; mur seasadh e a latha , ciod a ' bhuannachd a bhiodh anns a ' gheall dhòmhsa ?
 
Punnd de fheòil duine air a ghearradh bharr a ' choluinn , cha ' n ' eil e cho luachmhór no

[TD 88]

cho buannachdar ri muilt - fheòil no ri mairt - fheòil .
 
A chosnadh a dheadh - ghean tha mi a ' tairgseadh a ' chairdeis so ; ma ghabhas e e is math ; mur gabh , slàn leat .
 
” Mu dheireadh , an aghaidh comhairle Bhassanio a bha amharasach mu ' n Iùdhach , a dh ' aindeòin na thuirt e mu dheadh - rùn anns a ' chùis , agus nach robh e idir toileach gu ' n cuireadh a charaid e féin fo chunnart a leithid de pheanas gràineil as a leth - san , chuir Antonio ' ainm ris a ' ghealladh , a ' smaoineachadh nach robh e , mar thuirt an t - Iùdhach , ach air son àbhachd .
 
Bha a ' bhan - oighre bheairteach a bha Bassanio a ' cur roimhe a phòsadh a chòmhnuidh dlùth do bhaile - mòr Venice

Powered by CQPWeb