Displaying extended context for query match in text 102002
    

agus deonaich gu ' n coinnich sinn uile fa - dheoidh ann an saoghal is fearr .
 
” Air an ath mhaduinn , dh ' eirich Donncha gu moch , chuir e uime an deise a b ' fhearr a bh ' aige , agus phaisg e suas caochladh de rudan beaga a bhuineadh dha .
 
Bha mise air mo chur thuige gu goirt , ' n am luidhe ' s an leabaidh agus a ' leigeil orm a bhi ' n am throm chadal .
 
' N uair a bha Donncha ullamh chuir e ' ultach fo ' achlais , thainig e gu taobh na leapa a dh - eisdeachd an robh mise ' n am dhusgadh .
 
Sheas e car greis a ' sealtuinn an drasd ' s a rithist air an dorus , agus chunnaic mi e uair no ' dha a ' suathadh a shul .
 
Mu dheireadh , chaislich e mi gu caomhail , a ' feoraich an robh mi ' n am dhusgadh .
 
Fhreagair mi e mar gu ' m bithinn ' n am leth chodal .
 
“ Mo shoraidh leat , ” ars ' esan , agus e a ' sireadh mo

Powered by CQPWeb