Displaying extended context for query match in text 101
    

mòr ghnìomh , Fhir a chleachd ar cobhair riamh , A mhiann sùile gach baile , A laoich làidir na teugmhaile , 30 ' Is dána leam Conn a bhagradh ort , Is air clanna Morna uile , Nach buineadh tu ' n ceann dheth gu fearail Mar a rinn thu dheth athair roimhe .
 
' GOLL .
 
31 ' Dheanainnse sin dhuitse , Fhinn , Fhir nam briathra blàtha binn .
 
Cuireamaid fuath is falachd air cùl , Biomaid uile dh ' aon rùn .
 
32 ' Ged ' mharbhta an Fhiann uile Gu dìothachadh an aon duine , Bhithinn féin ' s mo threuna leat , A righ na Féinne , ' gad chobhair .
 
' 33 Gluaisidh Goll ' na chulaidh chruaidh Ann am fianuis a ' mhòr shluaigh .
 
Bu gheal is dearg gnùis an fhir Re dol ' an tùs na h - iorghuile .
 
34 Dh ' èirich frith , is fearg , is fraoch Air dà mhalaidh an dà mhòr laoich .
 
An dà churaidh bu mhòr cith , Chuir iad an tulach air bhall - chrith .
 
35 Aon là deug agus tràth Gu ' m bu tuirseach mic is mnài , Gus

Powered by CQPWeb