Displaying extended context for query match in text 217001
    

robh iad thuige sud an seilbh .
 
A thaobh nan Sgottach Eireannach , feumar a chuimhneachadh nach robh ach an earrann bu lugha dhiubh ' nan Ceiltich Iranach .
 
Air son na cuid bu phailte is e a bh ' annta prìomh - shluagh a chaidh amladh a suas leis na coigrich Cheilteach ,

[TD 12]

agus a dh ' fhoghlum an cànain .
 
Tha so a ' cur soluis air a bhuaidh callachaidh agus iompachaidh a bh ' aig na h - Eireannaich a shocraich a sìos an àirde n - iar na h - Albann thairis air na fineachan Cruithneach a bha mu ' n cuairt daibh .
 
B ' iad na Sgottaich Cruithnich na h - Eireann .
 
Comh - dhùnaidh mi le bhi toirt seachad am beagan fhacal suim agus brìgh na thuirt mi .
 
Bhuineadh a ' cheud chinneach is urrainn dhuinn a lorgachadh am Breatunn do chòrsa na Mara Meadhonaich .
 
Ri Linn - na - Cloiche - Nodha , thàinig iad do ' n eilean so rathad na Spàinnde agus na Frainge .
 
Is e bh ' annta meur de ' n chinneach lìonmhor , fhoghainteach sin ris an canar na h - Iberiaich .
 

Powered by CQPWeb