Displaying extended context for query match in text 17
    

leis a ' ghaoth an iar air muin an gneiss Leodhasaich .
 
Tha Loch Druidibeg air a chuairteachadh le mointeach shearbh — a ' gabhail a stigh eiseamplairean de mhointeach fhliuch agus bogaichean — air a bheil atharraichean air tighinn troimh na linntean le ionaltradh agus teine .
 
Tha na h - eileanan beaga ann an Loch Druidibeg eadar dhealaichte — chithear an sin coilltean dualach mar a bha iad uaireigin air feadh nan Eilean an Iar .
 
Tha craobhan a tha air am bearradh le gaoth , mar sheileach , caorunn agus beithe , a ' fas os cionn aiteann ' s lusan coillteach eile mar shobhrach , fuath - mhuc , lus nam buadha agus lus Chuchulainn , le raineach rioghail timcheall air cladaichean cuid dhe na h - eileanan .
 
Tha coille bheag le craobhan air ur - chuir dhan ear - thuath air Loch Druidibeg ri taobh rathad Loch Sgioport , ' s bidh sin a ' toirt dion do dh ' iomadh seorsa eoin bhig choilltich .
 
Tha aon de na treudan dualach de gheoidh ghlasa a th ' air fhagail anns na h - eileanan Breatunnach a ' fuireach anns na h - Uibhistean fad

Powered by CQPWeb