Displaying extended context for query match in text 133001
    

mhaoth na ' n gairdeinibh , cuid dhiu làn thorrach , bhàsaich a chuid bu mhò dhiu le fuachd ' s le ocras !
 
Chaidh an tighean a chur ri theine , — dh ' iomaineadh an spréidh , naoi ceud bò ; da cheud each , le caoraich a ' s gabhair gun àireamh gu Ionarlochi , ' s roinneadh air na h - oifigich iad !
 
A dhaindeoin na rin ' n iad chaidh dithis mhac Mhic ' ic Iain as .
 
Bha ' m fear a b ' òige dhiu fad na h - ùine an - amharasach mu Chaiptein Caimbeul agus ' n uair a rachadh càch a luidhe rachadh esan do chùil , ach bha gach neach a fochaid air .
 
Air an oi ' che dhuibh so chunnaic e tuille shaighdearan a ' tighinn do ' n tigh - fhreiceadain .
 
Mheudaich so an - amharas : chaidh e agus thug e faireachadh d ' a bhràthair , agus d ' a athair , ach cha creideadh athair gun robh droch ni air bith nam beachd .
 
Dh ' fhalbh an dithis bhràithrean , ' s dheàlaidh iad gu fàilidh dlù don tigh fhreaceadain feuch

Powered by CQPWeb