Displaying extended context for query match in text 217001
    

furasd a fhreagairt — Có a b ' iad na Cruithnich ?
 
Gheibhear a ' cheud iomradh orra anns an dàn molaidh eireachdail a chuireadh , sa bhliadhna 296 , a dh ' ionnsuidh Constantius Ceasar .
 
Tha e air aideach gu coitcheann nach deachaidh sluagh na Cloiche - Nodha a sguabadh , aig teachd nan Ceilteach , am mach ás an eilean so an aon làtha no an aon linn .
 
Bha iarmad dhiubh ri fhaighinn fad ùine agus cian , cha b ' ann a mhàin sa chuid sin de Albainn a bha gu buileach an seilbh nan Cruithneach , ach , mar an ceudna , an iomadh cearna eile de ' n Eilean Bhreatunnach .
 
Glé choltach , is e a bh ' anns na Cruithnich ginealachd na Cloiche - Nodha air a measgadh gu pailt le fuil Cheiltich .
 
Is fiach e fharraid an robh na Cruithnich , an seadh àraidh , a ' riochdachadh cinnich , no a ' labhairt cainnt , na Cloiche - Nodha — cainnt nach buineadh idir do ' n chànain Iranach .
 
Is i an fhìrinn , mar a thuirt mi , gu ' n robh , anns na treubhan coimeasgta

Powered by CQPWeb