Bi Beò Song: “Na seann daoine” The song “Na seann daoine” was created by James McLetchie and Kevin De Las Casas for performance by their group “Bi Beò”. This is a “first cut” recording made in Benbecula. Seann daoine a’ falbh Toirt ceum bho ar saoghal Dèanamh air beatha eile Tòiseachadh as ùr Oh nach till sibh a-nall Thar nan cuantan ’s nam beann Is togaibh fonn aon uair eile Cuimhneachadh air m’ athair ’S na dh’fhalbh às an sgìr’ Leithid Murchadh a’ Mhachair Na sheall iad dhomh gun phrìs Oh nach till sibh a-nall Thar nan cuantan ’s nam beann Is togaibh fonn aon uair eile Eich a’ treabhadh sa mhachair Tha an iodhlann gun chruaich’ Far an do thogadh teaghlaich Làrach feanntagan mar chuimhne Oh nach till sibh a-nall Thar nan cuantan ’s nam beann Is togaibh fonn aon uair eile Seann daoine a’ falbh Toirt ceum bho ar saoghal Sinn am pròis ’s gun ghliocas A’ milleadh na thug iad dhuinn Oh nach till sibh a-nall Thar nan cuantan ’s nam beann Is togaibh fonn aon uair eile Music and Words © Kevin De Las Casas and James McLetchie