Dòmhnall Fearghasdan *Donald Ferguson speaks as a student on the first year of the BA in Fine Art that is hosted by Taigh Chearsabhagh. He describes and comments on the facilities in the centre and the quality of services and teaching staff on the course.* Mar ionad-ealain tha Taigh Chearsabhagh uabhasach math. Tha tòrr goireasan aca, tha goireasan aca son taisbeanadh, ’s tha goireasan aca son, son dealbh camara, son bhidio agus son dìreach print fhèin. Tha, tha mise a’ smuaintinn gu bheil a h-uile rud, a h-uile goireas, ann a gheibheadh tu ann an àite sam bith airson, airson ealain gu h-àraidh. Agus cuideachd, tha taigh-tasgaidh aca airson an eilein, agus tha siud gu math cudromach airson an eilein, gu bheil e ann. Bidh a h-uile seòrsa taisbeanadh aca ann an Taigh Chearsabhagh. Tha iad a’ toirt dhachaigh taisbeanaidhean gu math ainmeil. Tha iad a’ toirt dhachaigh luchd-ealain gu math ainmeil ann an Alba ’s à Breatainn cuideachd airson, airson taisbeanadh. Bha mi nam oileanach ann an Taigh Chearsabhagh, agus tha e gu math freagarrach. ’S e, ’s e ealan a-rithist a bha mi a’ dèanamh an sin. Agus an seòrsa cùrsa a th’ ann, ’s e, mu dheidhinn, cùrsa ealain mu dheidhinn an àrainneachd a th’ ann. Agus chan fhaigheadh tu àite a b’ fheàrr airson cùrsa mar sin. Tha thu beò san àrainneachd, ’s tha e gu math freagarrach a-rithist. Tha sinn a’ dèanamh tòrr obair a-muigh. Cha mhòr nach eil sinn ag obair a-muigh fad an t-siubhail. Tha luchd-teagaisg math ann, agus tha iad cuideachd, a-rithist, a’ toirt dhachaigh luchd-teagaisg gu math ainmeil airson seachdain no dhà airson ar teagasg. Tha e cudromach o chionn ’s – tha e air tòrr obraichean a chruthachadh. Agus a h-uile latha tha na ceudan, gu h-àraidh as t-samhradh, tha na ceudan a’ dol ann. Tha, tha àite-bìdh ann, an taigh-tasgaidh, agus tha taisbeanadh, tha, is gu h-àraidh ma tha an t-sìde dona chan eil àite, chan eil àite san eilean cho math ris, ri turas a Thaigh Chearsabhagh. Tha e a’ cumail Loch nam Madadh gu math beòthail. Tha oidhcheannan ciùil aca, ’s tha taisbeanadh – bidh iad a’ fosgladh taisbeanadh ann a h-uile mìos co-dhiù, agus tha siud a’ tàladh daoine ann.