GU_William_Mackay transcription [WM:] William Mackay [AJS:] AJ Smith [AJS:] Chan eil fada on thàna tu seo às an ospadal ann an Inbhir Nis. [WM:] Oh, thàna mi dìreach seachdain an-diugh. [AJS:] Seadh. Agus dè mar a chòrd sin ribh? [WM:] Oh glè mhath, bha mi glè shon’ ann. Bha… bha tè à Leòdhas is às an Eilean Sgitheanach, is bha sinn a’ bruidhinn Gàidhlig gu [truim/?]. Bha… [AJS:] An robh sibh fad’ ann? [WM:] Uill bha mi… dà sheachdain agus là. [AJS:] Seadh. Is dè rinn iad ribh ann an-sin? [WM:] Oh uill, fhuair mi [XX] na sùilean, ‘gadradh’ a chante. [AJS:] Aye, aye. [WM:] Oh uill. [AJS:] Agus an robh mòran anns an uàrd còmhla ribh ann an-sin? [WM:] Bha, uill bha i làn. Bha deichnear. [AJS:] Deichnear ann gu lèir. [WM:] Bha. [AJS:] Cò às a bha iadsan? [WM:] Oh uill bha iad… bha iad uile à Leòdhas, às an Eilean Sgitheanach ’s uill, bha dithis na thriùir timig air na h-àiteannan sin fhìn a thàinig le… uill cha robh, cha robh e ag iomairt operation ach bha na sùilean aca a’ toirt bother, eh, infection. [AJS:] Aye, aye. Agus cuin a thàinig sibh dhachaigh a-rithist? [WM:] Eh, dìreach seachdain an-diugh. [AJS:] Seachdain an-diugh a thàinig sibh dhachaigh? [WM:] ’S ann. [AJS:] Tha sibh a’ fuireach am broinn an taighe an-dràst’? [WM:] Oh tha, tha. Chan urra mi [XX] mòran a dhèanamh leotha, ach dìreach obair glè aotrom, chan fhaod mi dad a thogail neo lùbadh mòran. [AJS:] Chan fhaod. Tha dùil agaibh a’ mhòine a thoirt dhachaigh Disathairn’? [WM:] Oh tha, tha. Chan urra dhomh stad den fhòid idir. [AJS:] Chan urrainn? [WM:] No. [AJS:] Am bi sibh a’ faighinn feadhainn eile airson obair ann? [WM:] Oh bidh, oh bidh. Bidh, oh tha na nàbaidhean glè mhath airson làimh a thoir. [AJS:] Uhuh. Is càite bheil a’ mhòine agaibh? [WM:] Uill, tha i mu… chuir iad an cnoc mu, oh mìl’ co dhiù bhon… bhon taigh. Tha, is tha i glè thioram, ach tha i bristeach. [AJS:] Tha i gu math bristeach, a bheil? [WM:] Oh tha. ’S e mòin’ dhubh a th’ againn uile. [AJS:] ’S cuin a chaidh a buain? [WM:] Oh tha is… oh s– April. Toiseach April. [AJS:] ’S dè a-nis man a bhios iad a’ buain a’ mhòine ann an-seo? [WM:] Uill tha sinn a’ tòisich a’ riathadh na baic agus rèist rùisg thu e le cablair. [AJS:] Le cablair. [WM:] Rèisich fear buain fear [sand/?] a chur a-mach. [AJS:] A’ cur a-mach na…? [WM:] A’ cur a-mach mòin’. [AJS:] Dè an t-ainm a bhios agaibh air an iarann? Fios agaibh, air buain? [WM:] Oh, tairisgeir. [AJS:] Tairisgeir a bhios agaibh air? [WM:] ’S e. [AJS:] Is… cia mheud daoine a bhios ag obair air an iarann? [WM:] Uill, dìreach aon nuair a tha [XX] spaid agus steap air. [AJS:] Aye, aye. [WM:] Agus a’ geàrradh fàd ’s tha rèisich fear tha… tilgeil a-mach e airson tioramachadh. [AJS:] Aye, aye. ’S càit’ am bi sibh a’ cur na fàdan? Am bi sibh a’ dèanamh, mar gum biodh, gàrradh? [WM:] Uill tha sinn a’ dèanamh rud ris an can sin [bàrr/?], agus [uinneagan/?] ann, agus cuid de làighidh sinn, tilgeil a-mach iad ’s sgaoileadh iad. [AJS:] Oh, an sgaoileadh air druim a’ bhacair? Oh seadh. ’S dè an t-ainm a bhios agaibh air a’ chiad fàd a bhios sibh… [WM:] Oh, am bodach. [AJS:] Am bodach, an e? [WM:] ’S e. [AJS:] ’S càit’ am bi an tè sin a’ dol? [WM:] Am bodach-bac, uill, tha an tè sin a’ dol, oh, san taobh a-staigh. [AJS:] Oh, seadh. [WM:] Ma tha thu a’ tiormachadh glè mhath air na basagan, ’s leth-[XX] ’s leth-bhac. [AJS:] Oh seadh. Nis, am bi sibh a’ togail a’ mhòine ’s a’ dèanamh basagan dhi? [WM:] Bidh, uill, a’ dèanamh stòragan. [AJS:] A’ dèanamh stòragan– [WM:] Stòragan dhi. [AJS:] Uhuh, nuair a bhios i tioram? [WM:] [XX] is tha sinn rèist a’ dèanamh stòragan nas motha oh ’s ceala-deug às dèidh sin, ma tha an aimsir tioram, a’ dèanamh stòragan mòr dhi airson tha i a’ tighinn a-mach o rèisich ceart, airson toirt dhachaigh. [AJS:] Uhuh. Dè an t-ainm a bhios agaibh air na stòragan mòra a tha sin? [WM:] Ath-storagan. [AJS:] Oh ’s e ath-storagan a bhios agaibh air? [WM:] ’S e. [AJS:] ’S dè man a bhios sibh gan cruinneachadh? Ga toirt dhachaigh? [WM:] Oh, le tractar. [AJS:] Le tractar, uhuh. [WM:] Dìreach toirt an [XX] bhac leis an tractar ’s toirt dìreach dhachaigh e. [AJS:] ’S dè bhiodh aca o chionn fhada a’ toirt dhachaigh a’ mhòine? [WM:] Oh uill, bidh… bidh e againn mu sia tractaran, sia lotachan. [AJS:] Aye, ’s e bha mi faighneachd dè bhiodh agaibh, bho chionn fhada, an e cairt is each a bhiodh ann? [WM:] Oh ’s e, ’s e. Em, each ’s cairt. ’S e dh’fheumadh… bha e slow, bhiodh sinn seachdain. [AJS:] Tha mi creidsinn gum biodh. [WM:] Bhiodh. Gus thig thu gus an rathad mhòir iad agus a’ dèanamh cruach dheth sin ’s rèist gun seasadh i an Geamhradh nuair nach biodh mòran eil’ a’ dèanamh, bha sinn a’ toirt dhachaigh leis na [càrnaibh/?] air an rathad aig’. [AJS:] Am biodh iad ag obair le cliabh? [WM:] Oh bha, bha ’s le poc, a’ shiftaigeadh bho stac bho na h-each-umhaill. Thèid na tractairean a-nis na h-àitean nach deidheadh each is cairt. [AJS:] Oh tha mi a’ credisinn gun tèid. [WM:] Oh thèid. [AJS:] Cha bhi iad ach a’ toirt là a-nis a’ toirt dhachaigh a’ mhòine. [WM:] Oh là aig na h-uile taigh. Agus uaireannan chan eil an là fad fhèin ann. [AJS:] Chan eil. [BREAK IN TAPE] [WM:] Yes, now, what will be speak about this time? [AJS:] Eil sibh an dèidh a bhith a’ fuireach ann an Armadal fada? [WM:] Oh tha, bho chionn… oh 19– 1819. [AJS:] 1819? 1919? [WM:] 1919! [AJS:] ’S e, uhuh. Is càit’ an do rugadh sibh? [WM:] Oh, Poll Èirisgeig. [AJS:] Càit’ a bheil sin a-nis? [WM:] Uill tha e dà mhìle gu leth, troimh nan cnoc. Tha trì taighean ann. Uill, bha ceithir taighean ann ach, dh’fhàg iad le fear às dèidh fear, cha robh rathad ceart a dhol ann. Thàinig sinn [a-mhàin/?] don a’ bhaile-sa. [AJS:] Nis, an e an taigh agaibhse an taigh mu dheireadh anns an robh daoine a’ fuireach? [WM:] ’S e, oh ’s e. [AJS:] ’S dè bha sibh, bha sibh a’ dèanamh ann an-sin? [WM:] Uill bha sinn dìreach ag obair an talamh is… a’ cumail caoraich is crodh ’s na [cuidean/?] sin. [BREAK IN TAPE] [AJS:] Dè an stòiridh a bha sibh a’ gabhail an siud mu dheidhinn nuair a bha sibh ag obair ann an Castletown? [WM:] Oh bha, oh sa ’42. Bha sinn ag obair air an Aerodrome an uairsin, ’s bha sneachda mòr a’ tighinn an uairsin. Bha, oh ’s mathaid. Bha sinn ag obair ’s shìn e a chur an t-sneachd, sam moch-thràth. Agus sneachd bog… agus [XX] gu bhith tioram. Dh’èirich a’ ghaoth is shìn e air caitheamh. Bha aig na daoine, mar a chante, [rained off/?], cha chumadh duine. Agus seann bodach a bh’ aig sin, bha e airson a bhith ag obair, cha robh e airson a dhol dhachaigh. Agus thàinig foreman thugam is, agus, dh’fhaighnich e orm an cuirinn dhachaigh e, nach b’ urrainn dha an duine a chur air falbh nuair a bha e airson a dh’obair. Thuirt mise gun dèanainn mo dhìcheall. Uill, chuir mi dhachaigh e gus an taigh. [AJS:] Càit’ robh e a’ fuireach? [WM:] Oh, bha [mìle/?] mòr air taobh thall Castletown. Chan eil mi cinnteach air an t-ainm a bh’ air an t-àit. Farm a bh’ ann. Agus fhuair mi gus an taigh e is fhuair mi air ais do… fhuair mi air ais do dh’Inbhir Theòrsa bha mi dìreach lucky, fhuair mi… bha [pulse/?] nach d’ fhuair duin’ a dh’Inbhir Theòrsa idir. An ath mhadainn, rinn sinn report ann a sheo airson obair agus cha robh– bha na ràthaidean dùint’. Agus… chaidh sinn a-mach air walk cho fad ris a’ chaisteal ’s bha cars, lorries an-siud ’s an-seo air taobh an rathaid. Stuck uile san t-sneachd. Bha a-rèist, cha robh sinne ag obair air an là sin idir, agus Disathairne bha sinn ag obair leth-latha, agus bha mise airson fhaighinn dhachaigh a dh’fhaicinn cionas a bha rudan a’ dol… agus thàinig sinn fàisg air ruighe, àit ris an canamaid [XX] agus bha an rathad blocked sin. Agus… chaidh triùir [bhan/?] a chur à Srath Healadail agus bha an cisteach-laighidh a’ tighinn bho Inbhir Theòrsa agus bha e a’ teannadh an-sin air taobh thall a’ thuilm mhòr a bha seo, mu leth-cheud slat. Agus bha fear de na daoin’ air strike agus chuir e a h-uile gin dìomhair, ’s cha robh aca ach na cisteach-laighidh iomchain troimhn’ a’ chuithe a bha seo gus an– [AJS:] […] daoine a chaidh air strike? [WM:] Eh? Oh bha iad sinn uil’ air double-time Là na Sàbaid agus chuir e… bha an làraidh air an taobh thall aig a’ chuithe agus… thug iad na cisteach-laighidh leis gu Srath Healadail, agus bha againn ri dhol a-rithist a dh’Inbhir Theòrsa, moch… an ath latha, Là na Sàbaid, rinn sinn fònaigeadh troimhe is bha an rathad clear mu dà uair dheug is… duine eile is mi fhèin, thàna sinn le càr agus… oh, bha sneachd glè throm, bha dà thaigh againn bhos sa bhaile-sa an uairsin. Bha mo bhràthair is mise a’ fuireach cuide ri m’ aunt ann an-seo, agus bha m’ athair ’s mo mhàthair ’s mo phiuthar bhos ceann shìos a’ bhaile… agus thànaig mise gu [XX] nuair fhuair mi cupa tì. Chaidh mi an àrd a dh’fhaicinn na caoraich, bha trì nach d’ fhuair iad. Agus bha mi an dùil fhaighinn tro sneachd trom le, le shovel, agus bha mi an dèidh rachadh don àird agus bha e a’ fàs rudeigin anmoch, agus chunnaic mi sneachda rudeigin dubh aig an dìg a bha seo, is chitheadh tu far an do chuir mi a’ bhan, [XX] ’s ann air druim caora. Uill, thug mi, chlearaig mi an tè sin is thug mi a-mach i ach cha b’ urrainn dhi cas a chur fodhainn. Bha i air na casan stuck. A-rèist bha iad mèilig, fhuair mi an treas innte ann, is bha iad uile san aon staid, is fhuair mi na trì. Agus oh bha mi fit an uairsin. Thug mi leis os mo sgùird gus an [XX] bha [pulse/?] de dh’fheur ann, agus chuir mi leabaidh fòid de dh’fheur agus ghlan mi am feur gorm, gheibheadh e airson ithe, is bha iad, an t-acras orra fon t-sneachd an trì là sin, agus an ath mhadainn chaidh mo phiuthar an àrd le brochan blàth, theth agus, tha mi creids’, fhuair iad thairis air moch, [thill iad/?] na h-uain. Oh, bha sneachdan trom a’ tighinn an uairsin. [AJS:] ’S ann am March a bha sin? [WM:] Am March, ’s e. Toiseach March. [BREAK IN TAPE] [AJS:] On you go. [WM:] Is it ready? [AJS:] Yes. [WM:] Uill, bha sinn a’ faighinn sneachdan glè throm an-seo bho chionn bliadhnaichean air ais. Tha cuimhn’ ’am aon bhliadhna, anns a’ Gheamhradh, bha an dotair againn an-seo, bha aige ri dhol air falbh do Ghlaschu gu case, agus an duine a fhuair e na àit’ bha e shuas Liabost, agus… bha aig mis’ ri dhol Là na Sàbaid, moch thràth Là na Sàbaid gu Liabost air a shon. Agus… bha e ag obair an-seo airson [XX] latha san t-àit aig an dotair againn fhèin. Agus thàinig an dotair dhachaigh an oidhch’ a rinn e sin agus bha e airson a bhith air falbh seòrsa rèisich an ath mhadainn. Ach chan fhalbhadh an trèan tuath air Luirg. Agus rinn dotair againn fhèin dìcheall ris, uill bha e smaoineachadh mu dheidhinn na rathaidean ged dona air… Crasg ’s na h-àiteannan sin. Ach cha ghabhadh e a chomhairle, is thuirt an dotair rium mus rèisich, thuirt e: “Uill, dèan thusa do dhìcheall agus mura gheibh thu troimhe i, chan urrainn dhut a’ chòrr a dhèanamh dheth [a-nochd/?].” Chaidh sinn an àrd gu Saghair, dhan talamh dubh seo. Mun do ruighinn sinn Saghair bha na trackan air an rathad gu math trom agus rinn sinn Allt na h-Airbhe dheth. ’S oh bha– cha robh spot dubh ri fhaicinn, agus sneachd trom air an rathad. Bha a’ ghrian-soills’ cho briosg. Thachair iad ri Christie, hotel-keeper, bha e muigh air an rathad is stad mi bruidhinn taca ris coimeas bha na rathaidean is… “Oh,” ars esan, “bheil chain-eachan agad?” “Oh chan eil,” thuirt mi. “Bha an rathad againn dubh, cha robh mi smaoineachadh gum feumainn iad.” “Oh uill, tha feagal orm nach till thu [XX] chain-eachan,” thuirt e. Agus, “oh,” ars an dotair, “na èist ris an fhear sin, tha e an dùil gur [XX] leisgeul eadrainn.” “Oh chan eil,” thuirt mi, “tha mise eòlach air an duine bho chionn iomadh bliadhna agus [’s iomadh fhacal roimh’ ud/?].” Ach [XX] sinn e ach a-nis ’s bha sinn a’ dol ’s a’ tighinn àrd gus bruachan ud shuas ann an Crasg, Cnoc Staing ann an-sin. Agus, oh, bha e a’ caitheamh air a’ chnoc, chan fhaicinn an rathad ’s bha na daoine a’ feuchainn ris an rathad le spaideachan a chlearaigeadh ach bha e a dhèanamh cho luath ’s bha iad, a’ glanadh e. Agus bha, [brod/?] seann càr agam an uairsin, Austin 12/4, chuir mi ann an second e agus bha fhios, sliopaig e beagan ach rinn mi [mollachd/?] dheth agus bha an rathad dubh a-rèist is fhuair sinn rathad clear a-staigh do Luirg is fhuair mi dhan trèan e. Agus cha robh mi duilich. [laughs] [END OF TAPE]