Sister Beaton’s tape [SB:] = Sister Beaton [ARM:] = Angus R. MacDonald 00:00:00 January the 13th, 1969. We are at the home of Mr and Mrs Angus R. MacDonald on County Road, New Waterford. Sister Beaton is going to interview Mr MacDonald. [SB:] An innis sibh pèin òran beag dhuinn, seinnibh òran beag, no gabh sgeul air choreigin. Tòisich leis an sgeul. 00:00:38 [ARM:] Uill, chan eil cus de sgeulachdan agam … agus tha mi dol a dh’innse stòiridh bheag dhuibh mu dheidhinn fear a mhuinntir an rathaid Fhrangaich … agus far an do thogadh mi fhìn, a-muigh air an rathad Fhrangach agus ... bha a’ bhean aige an oidhche bha seo, a’ dol a dh’fhuireach còmhla ri boireannach a bha bochd. Bha i dol a dh’fhuireach fad na h-oidhche. Agus co-dhiù, thàinig seann duine eile còmhla ris. ’S e Aonghas Dòmhnallach an t-ainm a bh’ air fear an taighe, ’s thàinig an seann duine bha seo air chèilidh air, agus chùm e e fad na h-oidhche, on a bha a’ bhean aige dol a dh’fhuireach còmhla ris a’ bhoireannach a bha bochd fad na h-oidhche. Ach co-dhiù … co-dhiù, chaidh iad a chadal uaireigin rè na h-oidhche, agus anns a’ mhadainn nuair a dh’èirich a … anns a’ mhadainn, nuair a dh’èirich fear dhe na gillean beaga a chur air an teine, choimhead e sìos dhan rùm far an robh iad nan cadal, athair agus an seann duine bha còmhla ris, agus chunnaic e … chunnaic e ’n duine bha seo, agus bha dùil aige gur e a mhàthair a bh’ ann. Phut e athair. “Coimhead a dhadaidh. Am faic thu feusag air fàs air mamaidh?” (Laughter) [SB:] That’s a very, very good story. That’s a very good one. Ends 00:02:33 Gap from 00:02:33 - 00:02:40 [SB:] OK. [ARM:] Tha mi nis a’ dol a dh’innse stòiridh bheag eile, a rinn cuideigin an àm na h-election … agus, mu dheidhinn an duine-uasail a th’ againn ann an Canada – Trudeau. Agus … co-dhiù, bha am fear sa dol dhan choille a ghearradh chonnaidh an latha bha seo, agus bha e coltach ris gun robh an t-uisge … i dol a shileadh. Agus dh’fhalbh e co-dhiù, agus nuair a ràinig e far an robh e dol a ghearradh a’ chonnaidh, bha an dìle uisge ann, agus cha robh fios aige càit an rachadh e feuch an cumadh e e fhèin gun fliuchadh tuilleadh ’s a’ chòrr. Chunnaic e seann stoc mòr de chraoibh ann a shineach, agus bha a cridh’ air a grodadh aiste, agus chaidh e suas ann a shin. Agus dh’fhairich e e fhèin cho dòigheil ann a shineach, agus an t-uisge a’ bualadh air an loigidh, gun do chaidil e mionaid, agus nuair a dhùisg e, bha e feuchainn air faighinn air n-ais às an loigidh, agus bha e air [at/?] beagan, agus chan fhaigheadh e air n-ais. Thòisich e air smaointinn air a h-uile peacadh a rinn e riamh, agus smaointich e gun do bhòt e aon turas na “Ghrit”, agus dh’fhairich e e fhèin cho beag ’s gun tàinig e aiste sa mhionaid. (Laughter) [SB:] Dè dhèanadh Trudeau mu dheidhinn sin? Ends 00:04:32 00:04:32 to 00:04:41 unusable. 00:04:41 [ARM:] Bha an seann duine bha seo dol leis an damh chun a … gu muileann-sàbhaidh a bh’ aig na Brydens an Christmas Island, agus tha mi dol a dh’innse rud beag a thachair an uair sin. Dh’fhalbh e leis an damh, agus cha deach e fada leis an damh nuair a ghabh e sgaom air choreigin agus thug e leum air an dàrna taobh agus chaidh car dhen [t-slèidh/?] air a mhuin. Ach co-dhiù, thàinig fear … thàinig fear an uair ud air a rathad agus thionndaidh e an [t-slèidh/?] far a mhuin, agus thuirt e: “Nach tu dh’fhaodadh a bhith taingeil mi thighinn mun cuairt airson an [t-slèidh/?] a thoirt far do mhuin”. “O chan eil. Chan e sin a rinn e idir. Stad an damh.” (Laughter) Ends 00:05:44 Silence and occasional sounds up to 00:06:20 – Unusable. 00:06:20 [ARM:] Uill, tha mi dol a dh’innse dhuibh stòiridh bheag eile mar a thachair. Bha an t-Èireannach … bha e riamh cho math air a char a thoirt às a h-uile duine co-dhiù. Bha an t-Èireannach a bha seo … bha aiseal aige, agus bha e air fàs cho sean, agus cha robh fios aige dè an dòigh air an cuireadh e às dha. Bha gràin aige air a mharbhadh an dòigh sam bith, ach am feasgar a bh’ ann a sheo, bha e … a’ criomadh an fheòir (aig) crois an rathaid aig an t-seann àite an robh an seann taigh, agus bha seilear ann … bha seann seilear ann a shin. Co-dhiù, bha an t-aiseal a’ criomadh mun cuairt, agus smaoinich an t-Èireannach gum biodh … gur e deagh dhòigh a bhiodh ann dha a thighinn air a chùlaibh, agus gum “pushadh” e sìos dhan t-seilear e. Thàinig e le roid co-dhiù, agus cha do dh’amais e … cha do dh’amais e air an aiseal idir, ’s chaidh e sìos an comhair a’ chinn dhan t-seilear e fhèin. Co-dhiù, cha robh e tighinn dhachaigh, ’s cha robh e tighinn dhachaigh, agus thòisich iad air coimhead air a shon. Agus fhuair iad e anns an t-seilear. Agus chan eil fhios a’m gu dè a’ Ghàidhlig a their thu air “inquest” ach tha mi dol a dh’innse dhuibh an còrr dhith ann am Beurla. Bha “inquest” aca air an làrna-mhàireach agus bha e san “inquest” gun deach e sìos dhan toll o chionn nach robh fios aige air … nach robh fios aige air … Wait till I tell you this in English. He went down in the hole, broke his neck, because he didn’t know his ass from a hole in the ground. (Laughter) Ends 00:08:30 [SB:] Mr MacDonald, you were born out on the French Road, were you? [ARM:] Yes [SB:] That is the old French Road that went through to Louisburg. [ARM:] Yes. The road to Louisburg from Sydney. [SB:] From Sydney to Louisburg. Now why was that called the French Road? [ARM:] The French Road, because the French was in Louisburg then, and that was their road to the Mira River. [SB:] I see. Did the Indians use that road a lot as well? Did the Indians use that road as well? [ARM:] Sure, sure. [SB:] I see. Now your church at Mira.. [ARM:] Yes, Grand Mira [SB:] At Grand Mira. You had to go from the French Road, which was quite a distance. [ARM:] O yes … about six miles from church here. [SB:] And you walked there. [ARM:] No, no. We sometimes did when I was a young fella. [SB:] Yes. But then you always had a horse and a rig of some kind to go back and forth. [ARM:] And later on cars started and … [SB:] Were there many …? Ends 00:09:29 Unusable 00:09:29 – 00:09:47 [SB:] Dè an t-òran a tha sibh a’ dol a… [ARM:] That mountain song. [SB:] The mountain song. [ARM:] … 00:10:01 [ARM:] Tha òran beag ann a sheo. Tha mi dol a ghabhail ceathramh no dhà dheth. Chan eil an amhach agam ro mhath airson gabhail òrain co-dhiù, ach nì mi mar as fheàrr a dh’fhaodas mi. Seo agaibh òran a rinn mi air an Rathad Fhrangach. Agus oir is gum bi fios agaibh cò tha bruidhinn ribh an-dràsta ... Aonghas R. Dòmhnallach, air an rathad … ann an Waterford. Agus tha mi dol a ghabhail òran beag ann a sheo a rinn mi air fonn “Smeòrach Chlann Dòmhnaill”. Agus ’s e beinn bheag a bha muigh air an Rathad Fhrangach … mar gun dèanadh a’ bheinn an t-òran dhi fhèin. Agus thuirt a’ bheinn mu seo: Bha mi seo mun tàinig Crìosda ’S mi nam laighe seo air m’ fhiaradh; Leis an lochan seo rim chliathaich Do Chloinn Dòmhnaill chaidh a dèanamh. Hòriag ìriag hò ro lò Hòriag ìriag hò ro ì ’S hòriag ìriag hò ro lò Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi. ’S tha mo cheann gu [XX] [riabhach/?] Mi ri sealltainn anns an iar-dheas; Chan eil beinn an seo nam fhianais Nach robh ’n urram agam riamh oirr’. Hòriag ìriag hò ro lò Hòriag ìriag hò ro ì ’S hòlibhag ìriag hò ro lò Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi. ’S iomadh feum a rinn mi riamh Ged nach d’ fhuair mi taing no fiathachadh; Cumail connadh agus biadh ribh, Anns gach dòigh a rinn sibh iarraidh. Hòriag ìriag hò ro lò Bidh eallach air mo dhruim san t-samhradh Do chrodh-laoigh ’s do dh’eich ’s do ghamhna Mi gan àrach dhuibh bho Bhealltainn Gus an tig am fuachd sa gheamhradh. Hòriag ìriag hò ro lò (Missing word) mi dhuibh gu leòr de chorca, De bhuntàta mar a chosg sibh. [Fiath/?] le Dia ’s bu bhrèagha is [XX] Dearcagan is clòbhar pailteas. Hòriag ìriag hò ro lò Tha lochan beag an seo nam achlais Bric is easgannan ro phailt ann. Feasgar ciùin le driùchd gum faic sibh Cuartagan mun cuairt a’ sgapadh. Hòriag ìriag hò ro lò Bidh eòin nan geug a’ seinn am puirt dhomh Cearcan air an làr gan [XX] Snagan ann an toll a’ [brosnaich/?] Cailleach-oidhch’ an crann ag osnaich. Hòriag ìriag hò ro lò Fad ’s a bhios na neòil a’ gluasad Mar a chuireas gaoth mun cuairt iad; Fanaidh mise seo gun ghluasad Do Chlann Dòmhnaill fad ’s is buan iad. Hòriag ìriag hò ro lò Hòriag ìriag hò ro ì ’S hòlibhag ìriag hò ro lò Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi. Ends 00:13:34 00:13:37 [ARM:] Lìon a-mach gu bàrr a’ chuach, Cuir an t-slàinte seo mun cuairt; Slàint’ do Ghàidheil an Taobh Tuath, Chaidh seachad suas an latha seo. Hìrinn àrainn hù o rò. Hìrinn àrainn hù o rò. Hìrinn àrainn hù o rò, Gun togainn fonn gu h-aighearach. (Ends 00:14:00) Chan eil mi uabhasach math gu gabhail òrain co-dhiù an-dràsta. Feumaidh sibh a ghabhail mar a thig e….. ’S tha mi dol a ghabhail ceathramh an siud ’s an seo. Shil an t-uisge mar an t-allt, ’S chuir e crith air Clann nan Gall; Dh’fhàg e cuid aca car fann. Bu bhochd an greann an latha seo. Hìrinn àrainn hù o rò Ach nuair thàinig Clann mo rùin Riamh nach tug ri nàmh an cùl; Chìte fearalas ’n an gnùis, A dhùisg mo shunnd an latha seo. Hìrinn àrainn hù o rò (Pause due to memory lapse) Bho ar Banrigh air a’ chrùn Bha gach Iarla, bha gach Diùc, Bha gach beul, is bha gach sùil, A’ cur rin cliù an latha seo Ach gum bu bhuan iad fhèin ’s an clann Gabhail seilbh air Tìr nam Beann. ’S bochd an àireamh bhith cho gann Ged ’s math na th’ ann an latha seo. Hìrinn àrainn hù o rò Hìrinn àrainn hù o rò Hìrinn àrainn hù o rò Gun togainn fonn gu h-aighearach. (Ends 00:15:33) Agus co-dhiù, siud na bha mi a’ dol a ghabhail dhen òran an dràsta. Ach Gàidheil an Taobh Tuath. Bha tuathaich a’ fuireach cho faisg ormsa air an Ridge Mhòr. Rugadh mise air an Rathad Fhrangach mu dhà no trì mhìltean bhon Ridge Mhòr. Nuair a thèid sibh seachad air Marian Bridge a’ dol a-mach an rathad sin, thig sibh tarsainn air an Ridge Mhòr, agus ’s e Gàidheil an Taobh Tuath tha fuireach an sin, agus Walkerich agus bha MacDonalds ann … agus ann am Beurla ’s e Walkers a chanas iad riutha … Walkers, agus Munros, Rothaich, agus chan urrainn dhomh cuimhneachadh air an còrr an-dràsta … Ach beannachd leibh an-dràsta. Ends 00:16:29. [SB:] (Start of sentence not recorded) ... an t-òran mu dheireadh a sheinn sibh? [ARM:] Chan e. That’s a Scotland song. [SB:] Mr MacDonald, have you ever kept in touch with your relatives in Scotland? [ARM:] No. [SB:] No, you have never been in contact with them. Now, when did you go to Boston from the French Road. What year? [ARM:] I left Sydney for Boston in 1922. [SB:] You went to Boston to work. [ARM:] Yes [SB:] Did you belong to … (Cut off at 00:17:08) CHOIR Brochan lom, tana lom Brochan lom sùghain. Brochan lom, tana lom Brochan lom sùghain. Brochan lom, tana lom Brochan lom sùghain. Brochan lom ’s e tana lom Brochan lom sùghain. Brochan tana, tana, tana Brochan tana sùghain. Brochan tana, tana, tana Brochan tana sùghain. Brochan tana, tana, tana Brochan tana sùghain. Brochan lom ’s e tana lom Brochan lom sùghain. 8 lines sung to “OO” Brochan tana, tana, tana Brochan tana sùghain. Brochan tana, tana, tana Brochan tana sùghain. Brochan tana, tana, tana Brochan tana sùghain. Brochan lom ’s e tana lom Brochan lom sùghain. Thugaibh aran do na gillean Leis a’ bhrochan shùghain. Thugaibh aran do na gillean Leis a’ bhrochan shùghain. Thugaibh aran do na gillean Leis a’ bhrochan shùghain. Brochan lom ’s e tana lom Brochan lom sùghain. Brochan tana, tana, tana Brochan tana sùghain. Brochan tana, tana, tana Brochan tana sùghain. Brochan tana, tana, tana Brochan tana sùghain. Brochan lom ’s e tana lom Brochan lom sùghain. Ends 00:18:39 Ho rò mo nighean donn bhòidheach, Hi rì mo nighean donn bhòidheach; Mo chaileag laghach, bhòidheach, Cha phòsainn ach thu. Ho rò mo nighean donn bhòidheach, Hi rì mo nighean donn bhòidheach; Mo chaileag laghach, bhòidheach, Cha phòsainn ach thu. Cha cheil mi air an t-saoghal, Gu bheil mo mhiann ’s mo ghaol ort; ’S ged chaidh mi uait air faondradh, Cha chaochail mo rùn. Ho rò mo nighean donn bhòidheach, Hi rì mo nighean donn bhòidheach; Mo chaileag laghach, bhòidheach, Cha phòsainn ach thu. Ho rò mo nighean donn bhòidheach, Hi rì mo nighean donn bhòidheach; Mo chaileag laghach, bhòidheach, Cha phòsainn ach thu. Ach nuair a thig an samhradh, Bheir mise sgrìob don ghleann ud, ’S gun tog mi leam don Ghalltachd, Gu h-annsail, am flùr. Ho rò mo nighean donn bhòidheach, Hi rì mo nighean donn bhòidheach; Mo chaileag laghach, bhòidheach, Cha phòsainn ach thu. Ho rò mo nighean donn bhòidheach, Hi rì mo nighean donn bhòidheach; Mo chaileag laghach, bhòidheach, Cha phòsainn ach thu. Ends 00:21:46 Siream sìos, siream suas, Cha robh idir Ruairidh agam. Siream sìos, siream suas, Cha robh agam Ruairidh. Siream sìos, siream suas, Cha robh idir Ruairidh agam. Siream sìos, siream suas, Cha robh agam Ruairidh. Nuair a dh’èirich mi sa mhadainn, Cha robh idir Ruairidh agam. Nuair a dh’èirich mi sa mhadainn, Cha robh agam Ruairidh. Siream sìos, siream suas, Cha robh idir Ruairidh agam. Siream sìos, siream suas, Cha robh agam Ruairidh. Siream sìos, siream suas, Cha robh idir Ruairidh agam. Siream sìos, siream suas, Cha robh agam Ruairidh. Chaidh mi [XX] a’ bhealaich. Chaidh mi sìos gu oir a’ chladaich. Chaidh mi [XX] a’ bhealaich. Cha robh agam Ruairidh. Siream sios, siream suas Cha robh idir Ruairidh agam Siream sìos, siream suas Cha robh agam Ruairidh. Siream sìos, siream suas Cha robh idir Ruairidh agam Siream sìos, siream suas Cha robh agam Ruairidh. Ends 00:23:00 Gap to 00:23:10 John P. MacNeil = JPM John R. MacNeil = JRM Stephen Rory MacNeil = SRM 00:23:10 [JPM:] Hì ho rò ’s na hò ro èile Hì ho rò ’s na hò ro èile Hì ho rò ’s na hò ro èile Gur tu mo luaidh ’s rim bheò cha cheil mi. ’S nuair a bha mi ’m chaileig ghòraich, Thug mi gaol is gràdh don òigear, Aig a bheil a’ phearsa bhòidheach, ’S cha ghràdhaich mi rim bheò fear eile. Hì ho rò ’s na hò ro èile Hì ho rò ’s na hò ro èile Hì ho rò ’s na hò ro èile Gur tu mo luaidh ’s rim bheò cha cheil mi. Seo meur as grinn’ le peann a sgrìobhas. ’S a thogas gleus air teudan fìdhle. ’S e do cheòl a thogadh m’ inntinn, Nuair a bhithinn sgìth fo smalan. Hì ho rò ’s na hò ro èile Hì ho rò ’s na hò ro èile Hì ho rò ’s na hò ro èile Gur tu mo luaidh ’s rim bheò cha cheil mi. Chaidh mi choill’ nan crann ’s nan gallan; Chuir mi sùil am fiùran maiseach ’S ann an Glaschu nam bùthan, A thug mi rùn don diùnlach fearail. Hì ho rò ’s na hò ro èile Hì ho rò ’s na hò ro èile Hì ho rò ’s na hò ro èile Gur tu mo luaidh ’s rim bheò cha cheil mi. Ach tha mise ’n dùil ’s an dòchas Gun tig an là sam bi sinn còmhla; ’S ma bhios tusa dìleas dòmhsa, Cha ghràdhaich mi rim bheò fear eile. Hì ho rò ’s na hò ro èile Hì ho rò ’s na hò ro èile Hì ho rò ’s na hò ro èile Gur tu mo luaidh ’s rim bheò cha cheil mi. Ends 00:26:39 UNCERTAIN 00:26:39 [JRM:] ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhomh. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. Sa mhadainn an-dè ’s mi biathadh na sprèidh, A chuala mi ’n sgeul thug sòlas dhomh. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. Mo chùl ris an doras ’s mi crathadh an fhodair, Nuair chuala mi sogan “Good morning, Sir”. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. Bha mise ga sireadh gu bàl Catrion’ Iain, ’S chaidh thusa led nighean bhios còmhla riut. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. Nuair ràinig sinn tràth an taigh ’n robh ’m bàl, Le uinneagan àrd ’s le sheòmbraichean. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. Nuair thòisich an danns, bha set anns gach ceann, ’S bha is’ air an drong toirt òrdain dhaibh. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. An ainm na [biodaig/?] nuair thog sibh na gillean, Nach truagh nach e mise bha còmhla ribh. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. Ged tha mi trì fichead ’s mo bhodhaig air ghliogan Gun tugainn [XX] dhòigheil dhaibh. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. Bha Eachann san àm ’s a bhonaid na làimh, ’S am fallas na dheann a’ dòrtadh dheth. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. Nach fhaca sibh idir Flòrag mhic Iain, No ’n d’ fhalbh an gille bha còmhla rith’. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. Slight gap (Start of line omitted) my grip on the stove “Confound it” bha còignear còmhla rith’. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. ’S e turas gun bhuaidh thug mi dhan Taobh Tuath Chaidh cearc a’ chinn ruadh a leònadh orm. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. Is forc na cas liath bhiodh agam rim bhiadh, Chuir Steafan ud shìos na meòirean dhith. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd, ’S e seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn. ’S e gillean mo rùin a thog orm sunnd. Ends 00:29:45 [SRM:] O chì, chì mi na mòr-bheannan, O chì, chì mi na mòr-bheannan. O chì, chì mi na coireachan, Chì mi na sgoran fo cheò. Chì mi gun dàil an t-àit’ anns do rugadh mi, Cuirear orm fàilt’ sa chànan thuigeas mi. Gheibh mi ann aoigh is gràdh nuair ruiginn, Nach reicinn air tunnachan òir. O chì, chì mi na mòr-bheannan, O chì, chì mi na mòr-bheannan. O chì, chì mi na coireachan, Chì mi na sgoran fo cheò. Chì mi ann coilltean, chì mi ann doireachan Chì mi ann màghain bhàna ’s torraiche Chì mi na fèidh air làr nan coirichean [XX] an trusgan de cheò. O chì, chì mi na mòr-bheannan, O chì, chì mi na mòr-bheannan. O chì, chì mi na coireachan, Chì mi na sgoran fo cheò. Beanntaichean àrda as àille leacannan Sluagh ann an-còmhnaidh as còire cleachdannan ’S aotrom mo cheum a’ leum gam faicinn ’S fanaidh mi tacan le deòin. O chì, chì mi na mòr-bheannan, O chì, chì mi na mòr-bheannan. O chì, chì mi na coireachan, Chì mi na sgoran fo cheò. Ends 00:31:42 The speakers in the following section are: Dan R. MacInnes = DRM Joe Gillis = JG Dan MacNeil = DM [NOTE:] It is not clear which of them is speaking at any time. [UNCERTAIN:] (Start inaudible) [UNCERTAIN:] Cumaibh a’ dol. [UNCERTAIN:] ’S e mar a thàinig na daoine “cross” ’s a h-uile sìon, nach e. [UNCERTAIN:] ’S e. [UNCERTAIN:] ’S e mar a thàinig do chuideachd “cross” an seo. [UNCERTAIN:] Uill, thàinig na MacInneses a-mach. Clann Aonghais, thàinig iad a-mach à Scotland, thàinig iad a-mach às an t-seann dùthaich (noise) air a’ Hector. Shettle dithist aca ann an seo, Mìcheal Mòr a chanadh iad ri mo shinn-seanair, agus Niall, shettle e ann an seo cuideachd (next line unclear). Chaidh Dòmhnall … bha e ann an [XX] Shettle e ann am [XX] ’s bha Ruairidh Saor, bha e thall ann an Iona. Sin an cuid teaghlaichean tha an-diugh thall … na daoine, an fheadhainn bha sin, tha iad air feadh an àite … Bha feadhainn ac’, bha iad a’ fuireach an seo a-null (unclear). Chaidh feadhainn aca dhan West. Chaidh iad dhan h-uile àite ma chuairt. Tha boireannach de Chloinn Nìll ann cuideachd a thàinig à Barraigh a’ fuireach ann an seo cuideachd. Tha roinn dhe na daoine aca fhathast an seo [XX]. ’S an t-ainm a bh’ air an àite seo ’s e [M…../?] Pond. ’S e ainm Innseanach a bh’ ann. “(C)hange” e an uair sin ... na daoine mun cuairt, bha iad a’ dèanamh a-mach gun robh an t-àite bh’ ann an seo cho coltach ris an àite às an d’ fhàg iad thall ann an Scotland. “(C)hange” iad e gu Castlebay. [UNCERTAIN:] A-nis, an e Aonghas cuideachd a bh’ ann am Mgr Iain an t-Saoir? Was he a MacInnes or a MacNeil? [UNCERTAIN:] MacNeil. He was a MacNeil. MacNìll a bh’ ann. [UNCERTAIN:] Bha na saoir ... Agus a-nis, MacAonghais a bha shìos anns a’ chùl againne. An robh iad càirdeach? [UNCERTAIN:] Cha ’reid mi gun robh. Ma dh’fhaodte gun robh e steapannan a-mach, ceumannan a-mach, ach chan eil mi cinnteach. Cha b’ urrainn dhòmhs’ a ràdh. [UNCERTAIN:] Clann Ruairidh Eòin ’s an fheadhainn sin, fhios agad. [UNCERTAIN:] Tha. Tha. Bha fear eil’ ann ris an can iad Teàrlach Mòr. Bha fear sin cuideachd a’ fuireach a-mach anns na cùilean sin an àiteigin. Ach chan eil mi cinnteach a-nis a bheil na … O tha mi creidsinn gur e na h-aon daoine … [UNCERTAIN:] Bha feadhainn eile, MacInneses, MacAonghais às an Acarsaid. [UNCERTAIN:] O uill bha. Sin na [XX] B’ e sin Steafan Mhìcheil. “Mhove” e às an seo gu an Acarsaid - bràthair mo sheanar. [UNCERTAIN:] Agus am fear aig a mhàthair a’ fuireach. Mìcheal [L…/?] a chanadh iad ris. [UNCERTAIN:] Mìcheal Steafain. Sin na h-aon daoine. [UNCERTAIN:] Tha sinn càirdeach ris na MacSweens cuideachd. [UNCERTAIN:] (Unclear lines) Bha piuthar Steafain sin pòst’ aig Farquhar. [UNCERTAIN:] Bha. Agus bha càirdeas eile cuideachd. Bha piuthar aige pòsta ri Alastair Eòin. [UNCERTAIN:] Bha. Alastair Eòin. Bha. O tha iad air a … Tha poidhle dhe na … An robh do sheanair? ’N robh do sheanair? Bha e cumail sgoil an seo, nach robh? [UNCERTAIN:] Mo sheanair. Niall Mìcheil. Bha e dà fhichead bliadhna cumail sgoil. [UNCERTAIN:] ’S e maighstir-sgoile bh’ ann. [UNCERTAIN:] ’S e [UNCERTAIN:] Dà fhichead bliadhna. [UNCERTAIN] Dà fhichead bliadhna. Fhuair e pìos de dh’àite a-muigh air a’ chùl ann an seo. [UNCERTAIN:] Uill, tha cuimhn’ agams’ air Mìcheal Niall Mhìcheil. [UNCERTAIN:] Mìcheal Niall Mhìcheil. Bràthair m’ athar. Bha e fuireach thall ann an seo. [UNCERTAIN:] Tha cuimhn’ agams’ air a bhith dol sìos dhan bhàr. (Several voices talking) [UNCERTAIN:] Bha … e gnothach an iasgaich. [UNCERTAIN:] Bha. Agus bidh m’ athair, bidh e na warden cuideachd air abhainn an …… Agus… ’S e “sub-warden”, tha mi cinnteach … na dè a’ Ghàidhlig a th’ air “sub-warden”? ... airson Mìcheal Nìll Mhìcheil. [UNCERTAIN:] Bha e na fhear-lagh cuideachd, nach robh? [UNCERTAIN:] O cha robh, cha robh. [UNCERTAIN:] Na mhagistrate. Bha e na mhagistrate. Dè mar a chuireadh tu sin sa Ghàidhlig? [UNCERTAIN:] Bha duin’ eile certain. Mar a h-inns am fear seo dhuinn. (Some lines where several people are talking at once or off-mike omitted.) [UNCERTAIN:] Dè bhliadhna anns an tàinig a’ Hector a-nall? [UNCERTAIN:] Chan urrainn mise … Chuala mi e … [UNCERTAIN:] Uill, thàinig i dhà no trì thurais. Thàinig e ann an 1802, 1821. [UNCERTAIN:] Feumaidh gur ann an 1802 thàinig iad [UNCERTAIN:] Land iad ann am Pictou ud shìos. First trip was at Pictou. [UNCERTAIN:] An e ur seanair no ’n e ur sinn-seanair a thàinig e a-mach? [UNCERTAIN:] Ar sinn-seanair. [UNCERTAIN:] Ar sinn-seanair a thàinig a-mach. [UNCERTAIN:] ’S e. Mo shinn-seanair, Mìcheal Mòr. [UNCERTAIN:] Agus càit an do landaig iad? [UNCERTAIN:] Feumaidh gun do land iad ann a sheo aig [XX] goirid dhan a’ [XX], ach cha robh mo sheanair ach còig bliadhna nuair a thàinig e mach. [UNCERTAIN:] Agus a bheil dad a dh’eachdraidh agaibh air ... na rudan a bha iad a’ dèanamh ... na cruaidh-chàsan a thachair riutha? [UNCERTAIN:] … gun robh i gu math “tough” aca a’ teannadh ri gearradh na coille ’s a’ glanadh nan àiteachan. [UNCERTAIN:] Dè mar a bha iad a’ dèanamh sin? [UNCERTAIN:] Tha mi smaointinn gun robh tuaghannan aca is neart nan làmhan ’s nan colainn, tha mi creidsinn. Cha robh an còrr aca. [UNCERTAIN:] An robh iad a’ toirt sin a-nall às an t-seann dùthaich. [UNCERTAIN:] O thug iad a-nall roinn dhe na gnothaichean às an t-seann dùthaich. [UNCERTAIN:] (Several voices talking at once) Sìol … agus bha feadhainn thug crodh a-nall. [UNCERTAIN:] O thug, thug. Thug poidhl’ ac’ a-nall. Thug iad a-nall poidhle de ghnothaichean airson … [UNCERTAIN:] Bha iad cho toilichte, fhios agad, gun d’ fhuair iad àite. Bha am fearann cho beag anns an t-seann dùthaich. [UNCERTAIN:] Cha robh mòran rùm ann feumaidh … [UNCERTAIN:] Cha robh. Uill, bha iad a’ pàigheadh rian no màl dha na tighearnan Gàidheal(ach). Ach nuair a thàinig iad dhan dùthaich seo … [UNCERTAIN:] Bha an gnothach furasta dhèanamh. Bha an gnothach cho furasta a dhèanamh an uair sin. [UNCERTAIN:] Bha iad toilichte. Bha iad uileag còmhla. [UNCERTAIN:] Agus chuala mi m’ athair a’ cantail gun robh cuimhn’ aigesan nuair nach robh àite-suidhe aca mar a th’ againne, ach an duine a bha gabhail òrain, air neo a bha gabhail duain, bha e dol a dh’fhaighinn an àite-suidhe. Bha iad ga dhèanamh le “sheaves” (aside). Dè mar a chanas tu sheaf ann an Gàidhlig? Sguab de dh’eòrna (several people talking at once) chuireadh iad a dhà ann an corner, agus sin an cathair a bh’ aigesan. [UNCERTAIN:] An t-àite-suidhe aige. [UNCERTAIN:] An t-àite-suidhe aige. (Some irrelevant talking) [UNCERTAIN:] Cha robh gin dhiubh nas uachdaire air an duin’ eile. Bha a h-uile duine mar a bha iad. [UNCERTAIN:] Bha. Bha iad uileag ag obair còmhla. Bha iad uileag a’ feuchainn ris an gnothach fhaighinn air n-aghaidh cho math ’s a b’ urrainn dhaibh. An dàrna duine a’ cuideachadh an duin’ eile. 00:41:42 [UNCERTAIN:] ’S dè bha iad a’ cur an uair sin? [UNCERTAIN:] O … anns an àm bha siud ’s e buntàta. Buntàta bu mhotha a bha iad airson … Gheibheadh iad iasg anns a’ mhuir. [UNCERTAIN:] Buntàt’ agus cruithneach. [UNCERTAIN:] Cruithneach. Corca bu mhotha a bha iad a’ cur. ’S ann a bha iad a’ bleith a’ chorca. Bha iad ga chruadhachadh, agus an sin ga bhleith leis na clachan. (Unclear) Brà. [UNCERTAIN:] Dè an t-àm dhen a’ bhliadhna a bha iad a’ dèanamh an cur? [UNCERTAIN:] As t-fhoghar ’s ann a bha iad ris. As t-fhoghar, nuair a bha ’n gnothach ag abachadh. Gràn ag abachadh. ’S ann an uair sin a bha iad ag ... ’s a’ dèanamh a’ ghnothaich deiseil airson gum biodh gu leòr aca airson a’ gheamhraidh. [UNCERTAIN:] Dè a’ mhìos anns am bitheadh iad a’ cur a’ chorca? [UNCERTAIN:] Aig an àm a bha siud an toiseach … tha cuimhn’ agams’ air an toiseach ann an seo, bhiodh iad a’ cur ann an deireadh March ann an [coille/?] dhubh … A’ cur buntàta. [UNCERTAIN:] (Several people talking) ….. air a chur anns an treabhadh le cruinn, le crann ’s le beathach eich. Uill, bha an gnothach ag advancadh … April an uair sin. An-diugh bidh June ann mu faigh iad a chur, air sàillibh droch shìde. [UNCERTAIN:] Agus chuir iad … a’ choille [iubh/?], chuir iad buntàta. An ath bhliadhna, ’s e corca ma dh’fhaodte, agus an uair sin an trìtheamh bliadhna thòisicheadh iad air leagail nan stumpannan, torran an toiseach (unclear). [UNCERTAIN:] Cha robh aca an toiseach ach an corran. [UNCERTAIN:] Airson a bhith gearradh. [UNCERTAIN:] Airson a bhith gearradh. Na boireannaich, bha culaidh-eagail ac’ ann an uair sin, ’s iad a’ gearradh a’ chorca, ’s a’ dèanamh sguaban air. Bha iad aig [XX] Chunnaic iad (Noise on part of next line)…. airson an tiormachadh. [UNCERTAIN:] Innsidh mise stòiridh nuair a stadas an teip mu dheidhinn. [UNCERTAIN:] A bheil sinn a’ dol a stad an teip? [UNCERTAIN:] Bhiodh boireannaich ag obair a-muigh. Bha boireannach ann an seo, Mòrag Nic an t-Saoir, Bean Nìll Mhic an t-Saoir. Bha i ag obair. Bean Nìll Mhic an t-Saoir a’ cur anns a’ Choille Dhubh, ’s fhuair i pàiste. Rugadh am bèibidh, ’s gun duin’ anns a’ choille ach i fhèin. ’S dhràibh i dhachaigh ’s am bèibidh aice na h-achlais. That’s no lie. [UNCERTAIN:] Tè shuas am Baghasdal, ’s bha i … boireannach brèagha a bh’ innte cuideachd, agus thòisich i air falbh còmh’ ri S…. a bha shìos ann a shiud. Ach co-dhiù, bha iad a’ cantail gun do rug iad oirre ann an rùm ann an hotel no de bhàr. Uill, an-diugh, chan eil diofar sam bith. Ach co-dhiù, chaidh muinntir Bhaghasdail, bha iad a’ bruidhinn mu dheidhinn agus bha seo … boireannach ann a sheo, Bean [XX] O’ Henley, agus bha meas aic’ air an nighean seo, agus bha seo car ga losgadh, a’ bruidhinn mu dheidhinn. Ach co-dhiù thuirt i: “Ach, bu chòir leòm a bhith oirre” ars’ ise, ga toirt a-staigh dhan hotel. Nuair a bha sinn òg, cha robh iad gad dhraghadh a-staigh fo chraobh is bruis.” (Laughter) “Nuair a bha sinn òg, cha robh iad gad dhraghadh a-staigh fo chraobh is bruis.” [UNCERTAIN:] A bheil thu dol a dh’innse na naidheachd mu dheidhinn an gobha nuair a chaidh iad a-mach a dh’iasgach gu Bàgh a’ Chaisteil. An tè a bh’ air a’ bheinn, Bean Teàrlach Corner. Alasdair a’ Ghobha agus Rodaidh a’ Ghobha, chaidh iad a dh’iasgach gu Bail’ a’ Chaisteil ann an seo, cross a’ bheinn. Thàinig iad cross a’ bheinn. Thàinig iad cross às na [XX] Agus (noise) stad iad, bha iad ag iasgach, agus air an tilleadh, stad iad an àite Teàrlach Corner. [UNCERTAIN:] Dè sloinneadh a bh’ air an duine sin? [UNCERTAIN:] MacKinnon [UNCERTAIN:] Teàrlach Corner. Bha e a’ fuireach aig corner an rathaid. Thadhail iad ann nuair a rinn iad an t-iasgach às a’ [XX]. Uill, ars’ ise, chan eil grèim agam bruich. Dh’fhalbh i dhan t-sabhal ’s fhuair i an cruithneach. Bhuail i an cruithneach ’s chuir i a-staigh san àthainn e gus an cruadhaicheadh e. Chruadhaich i suas san àth e, agus chuir i an uair sin ron bhrà e, dà chlach, dà chlach chruinn. Chuir i mun cuairt anns a’ bhrà e agus rinn i flùr, ’s bhruich i ’m bonnach. ’S bha iadsan gu math sgaiteach a’ tighinn leis a’ bheinn an uair sin. Fhuair iad tì agus am bonnach aice a rinn i, ’s nuair a ràinig iad an taigh bha am biadh às an t-sabhal. Sin agad naidheachd fhìor. Naidheachd fhìor. Cò am boireannach an-diugh a dh’fhalbhadh dhan t-sabhal ’s a bhuaileadh a’ chruithneach, ’s a chruadhaicheadh anns an àthainn e. [UNCERTAIN:] Uill, chan eil fhios a’m. Nam biodh e aca ri dhèanamh……sìos a’ chorca. Feumaidh gum biodh na daoine o chionn fada, gum biodh e a’ stearbhadh. Dh’fheumadh iad... [UNCERTAIN:] Tha fhios agam. Canaidh iad sin agus canaidh sinne. Ach a thaobh a’ chiad chogaidh agus tha mi cinnteach anns a’ chogaidh mu dheireadh cuideachd, gun robh daoine ann an ? (Unclear - Several people talking at once) [UNCERTAIN:] Nuair a tha am bàs a’ tighinn mud choinneamh, gum feum thu fhèin an gnothach a dhèanamh, nì thu poidhl’ an uair sin nach dèanadh tu mura faiceadh tu … (several voices off-mike. Unclear). [UNCERTAIN:] Chan eil agam ach na h-òrain aig (fades out) [UNCERTAIN:] Sin an t-òran a tha dhìth air. [UNCERTAIN:] Chuala mi feadhainn eile ga gabhail, ’s chan eil fhios a’m co-dhiù tha iad ceart no ceàrr. [UNCERTAIN:] ’S e fear a chuala sibh timcheall air an seo fhèin a th’ ann nach e? [UNCERTAIN:] Ma bha fear a’ dèanamh òrain, no a nì am bàrd an t-òran, tha e ga dhèanamh correct. [UNCERTAIN:] A bheil an t-òran agad Danaidh a rinn … dhan mhart? A’ bhò riabhach. Eil Òran na Mohawks agad? (Talking) Òran na bò riabhach. Chaidh a dhèanamh ann an Ceann a’ Bhay. [UNCERTAIN:] Bha [XX] agams’ dhen òran sin. Cha eil fhios a’m càit an deach e. Ghabhainn e nam biodh e agam ach… Gabhaidh mi “Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu”. Tha mise fàs sean. Dhìochuimhnich mi na… Bha òrain agam all right. (Unclear) Tha mi fàs sean ’s tha mi fàs dìochuimhneach. [UNCERTAIN:] Dè cho sean ’s a tha sibhse? [UNCERTAIN:] Tha mi 75. [UNCERTAIN:] Chan eil sibh ach … [UNCERTAIN:] Chaidh mo leth-mharbhadh anns a’ mheinn-ghuail. [UNCERTAIN:] Chan eil sibh ach sia bliadhna nas sine na tha mise. [UNCERTAIN:] Bha dùil againn nach biodh am fear ud beò. [UNCERTAIN:] Theab mo mheabadh ’s mo mharbhadh anns a’ mheinn-ghuail. [UNCERTAIN:] Gabhaidh mi an t-òran an aon dòigh ’s a tha sinn gan gabhail ann an seo cò-dhiù, mar gum biodh òran luaidh. Chan eil fhios a’m co-dhiù mar … Gabhaidh Dòmhnall am fonn. [UNCERTAIN:] ’S gabhaidh Aonghas am fonn. [UNCERTAIN:] Feumaidh mi an t-òran a chluinntinn an toiseach. [UNCERTAIN:] Chan eil fhios a’m a bheil e agam ceart nas motha. [UNCERTAIN:] Dè diofar tha sin? [UNCERTAIN:] (O)Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fios san tìr gur mi do leannan O nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Nìghneag a’ chùil [XX] bhòidheach, Tha mi ’n tòir ort o chionn tamall. (O)Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fios san tìr gur mi do leannan O nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. ’S ann nuair bha mi beag nam phàiste, Thug mi ’n gràdh dhut a bhios maireann. (O)Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fios san tìr gur mi do leannan O nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. ’S ann nuair bha mi ris a’ cuallach, Thug mi [XX] a’ chuailein [XX]. (O)Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fios san tìr gur mi do leannan O nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Leis na dh’fhàs de dhreach ’s de dh’[XX] ort, [XX] [XX] mo ghaol gu daingeann. (O) Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fios san tìr gur mi do leannan O nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fiù agus deirge na na caorainn Bhiodh fo bhraon am bàrr nam meangan. (O) Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fios san tìr gur mi do leannan O nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Muineal geal mar chanach slèibhe B’ àilleachd eudach mar an eala. (O) Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fios san tìr gur mi do leannan O nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. ’S tric a fhuair mi [XX] ad nàdar Air an àirigh anns na gleannan. (O) Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fios san tìr gur mi do leannan O nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. ’S tric a thug sinn greis a’ sùgradh Fo na geugan cùbhraidh [XX]. (O) Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fios san tìr gur mi do leannan O nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. ’S anns a’ mhadainn Là Càisge, Thug thu leat do làmh ’s do ghealladh. (O) Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fios san tìr gur mi do leannan O nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Ach ma dh’fhàgas tus’ an dùthaich ’S trom mi giùlan do [XX] [XX]. (O) Nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. Fios san tìr gur mi do leannan O nìghneag a’ chùil duinn nach fhan thu. (Some comments) [UNCERTAIN:] Bràthair m’ athar, fhios agad, bhiodh e dèanamh òrain cuideachd. Agus air an t-òran sin, fhios agad, bha nighean, bha i a’ fuireach cùl Christmas Island, Christie MacNeil [UNCERTAIN:] (Cùl Eilean na Nollaig) [UNCERTAIN:] (Christie MacNeil) Christie MacNeil ’s gur h-i mo leannan Remaining conversation after 00:54:42 to end of tape unusable.