GU_North_Argyll NA=North Argyll I= Interviewer (No name given) Feur, mòine is eile NA … beairt-fheòir, beairt-[fhrangaich/rangaich/?]. Beairt-luachrach airson eallach. I O beairt … NA Ach cha robh e air ùisneachadh airson eallach connaidh no eallach fraoich idir, ach bha e air ùisneachadh againne airson beairt-fheòir, no beairt-luachrach no beairt-[XX]. Cha chuala mi … cha chreid mi gun cuala mi e am mòran àiteachan eile. Beairt air ùisneachadh anns an t-seagh sin. (Long pause) Sìnteachan. B’ e sin … I Dè bha sin a-nis? NA B’ e sin na treastachan [XX]. Sìnteachan, ’s amaill, ’s bràghaid. B’ e sin an coilear, bràghaid. I An robh ainmean agaibh air …? NA Cha ’reid mi nach e ‘siosalan’ a bh’ againn air ‘hems’, nach e? I ‘Siosalan’? NA ’S e. Chan eil mi dol a … tha mi cho fada o na … cha chreid mi nach e… (Long pause) ’S taod airson ‘halter’. Srian airson [XX]. Bha e a-rithist ann an cuid de dh’àiteachan, tha ‘dìollaid’ a’ ciallachadh dìreach a h-uile seòrsa ‘saddle’, ach ‘dìollaid’ againne ’s e sin dìollaid airson [marcrach/?], ach bha feadhainn [XX] mar gum biodh airson [XX]. ’S bha ‘srathair’. B’ e sin dìollaid airson cartach. ’S bha ‘srathair-mheurach’ ann. Bha sin airson, nam biodh sibh a’ cur a-mach abair stuth feans no rud dhen t-seòrsa sin [XX] … bha iad ga chur tarsainn orra air gach taobh, agus ’s e an ‘srathair-mheurach’ a bheireamaide ris an sin, agus tha mi a’ creidsinn nach eil a leithid de rud air ùisneachadh, aig an taigh co-dhiù. I Dè na faclan a bh’ agaibh ceangailte ri obair mòna? NA Uill, ’s e an ‘torra-sgian’ a bheireamaide ris. I ’S e. Agus an robh ainmean agaibh dha na fàdan. NA Uill, cha ’reid mi gun robh. Nuair a bha sinn gan togail, ’s ann ga cur air ‘cas-bheag’ a bha sibh. ’S ma bha bliadhna fhliuch ann, bha thu gan cur ann an cas-bheag a bha sibh, a’ dèanamh ‘teinntean’ dhith. Bha sin, ma dh’fhaodte gum biodh dusan no còrr air an cur tarsainn air a chèile mar gum bitheadh, agus a’ chruach airson … I An robh ainm agaibh air gach pàirt dhen torra-sgian air leth? NA Uill an sgiath … an sgian ’s an sgiath … agus cas an torra-sgian, ’s chan eil fhios a’m co-dhiù bha ainm airson làmh an torra-sgian, ach ‘làmh an torra-sgian’ gus nach robh. Chan eil beachd agam gun robh. Ach bha ‘sgian’ ’s an ‘sgiath’ … I An ann ann an cliabh bu trice a bhite toirt dhachaigh na mòna? NA O ’s ann a bhiodh a’ mhòr-chuid dhiubh dhen fheadhainn aig nach robh each. I Dè theireadh sibh ris gach pàirt dhen a’ chliabh fhèin? NA Chan eil fhios agamsa dè … [XX] B’ e sin an [gad/?] a bh’ an [XX]. ’S bha na ‘briagaichean’ ann. I Sin na tuill a bh’ aig a’ mhullach. NA Uill, bha aisnean a’ chlèibh a-rithist … ach a-rithist na clèibh … bha ‘clèibh-spidridh’ ann. I Dè bha sin a-nis? NA Bhiodh iad a’ cur, fhios agad … bha clèibh, fhios agad, a’ cur a-mach an todhadh, a’ cur a-mach inneir … a’ leasachadh na sin … agus fhios agad bha … gu h-ìseal bha … ’s e [tairgnean/?] biorach, agus bha e dìreach gu bhith tuiteam às, às a’ bhonn. ’S e ‘clèibh-spidridh’ a theireadh iad riutha sin. Ach chan fhaca mise … chan eil beachd agam gin dhiubh fhaicinn riamh. Ach tha fhios a’m gur e ‘clèibh-spidridh’ a their iad (pause) ris na seòrsa chlèibh sin. I Nuair a bha sibh òg … 00:06:37 Bàtaichean NA Uill, cha robh mòran … cha robh taigh far an robh mise … Tha mi creidsinn nach robh taigh nach robh … nach robh geòla aca. Cha robh iad ri mòran ach obair iasgach airson iasgach cudainn is rionnach is rud dhen t-seòrsa sin. Cha robh iad … Sguir iasgach na sgadain mun tàinig mise gu cuimhne [XX]. I A-nis a bheil cuimhne agaibh air na h-ainmean a bhiodh aca air gach pàirt dhen eathar fhèin.? NA ‘Beul mòr’, ‘Stràc beòil’ I ‘Stràc beòil’. Dè bha sin a-nis? NA Feumaidh gur e sin am bòrd, tha fhios agad, aig a’ ‘bheul-mhòr’. Agus ‘ceann-tobhtaichean’, agus ‘tobhta-thilgte’. I Dè seòrsa tobhta bha sin? NA Tè ghabhadh togail … Agus bha nise anns a’ ‘bhroilleach’ … chan eil cuimhn’ agam co-dhiù ’s e … bha sin a’ ciallachadh, ach dìreach am maide bha … am bòrd a bha tarsainn sa bheul … cha chreid mi gun robh sa ‘bhroilleach’. Tha mi smaointinn nach e sin an t-ainm a bh’ air. Bha ainm air choreigin air [XX]. I An robh ainm air leth air an tobhta-dheiridh? NA Cha chreid mi … ma bha cha chuala mi e. I Dè mu dheidhinn nan ràmhan fhèin? An robh ainm aig gach pàirt dhe na ràmhan? NA Uill am ‘bas’ … an [XX]. I Dè bh’ ann an sin? NA Uill, sin far am biodh tu beireachd orra. ’S e am ‘bas’ … b’ e sin an rud a bh’ anns an uisge. I Am biodh pìosan fiodha ris gus a chumail ro bhith caitheadh? Dè theireadh sibh riutha sin? NA Tha fios a’m air na pìosan fiodha … chan eil beachd sam bith agam. Ach na h-‘ullacagan’. Tha beachd agam air an sin math gu leòr. I Sin an rud ris an canadh sinne na ‘putagan’. NA ’S e, na ‘putagan’. ’S e ‘ullacagan’ a chanamaide. ‘Putagan’, sin na h-ullacagan. I Tha fhios agam gum biodh toll air màs an eathar airson an t-uisge a’ leigeil aiste, agus crogais no rudeigin ann. NA ‘Àsag’ a bheireamaide ris … ‘àsag’ a bheirinn-sa ris co-dhiù … chan eil fhios a’m … a bheireadh tu ainm eile air pàirt dheth. ‘Àsag’. ’S e ’n ‘Àsag’. (Long pause). I A-nis, cò leis a bhiodh iad ag iasgach? Dè seòrsa acfhainn iasgaich a bhiodh aca … mu na ceàrnaidhean agaibhse. Am biodh iad a’ dol a-mach le lìn bheaga? NA Ah, cha robh, cha robh. Ma dh’fhaodte gum biodh feadhainn a’ [droghadh/?] fhios agad … sin air na bancaichean, le ‘hand-lines’. A’ [droghadh/?] fhios agad. 00:10:29 Èisg agus iasgach I [Droghadh/?]. Cia mheud ainm èisg air an smaoinich sibh, a bhiodh iad a’ glacadh? NA Uill ’s e ‘cudainn’ am fear a bhitheamaide ris I ‘Cudainn’ NA ‘Cudainn’. Dad ort a-nise. Bha ‘smalag’ na bu lugha na ’n cudainn, nach robh. ’S bha ‘saoidhean’. B’ e sin a’ chudainn mhòr, mar gum biodh. I ’S e. NA Bha ‘glasagan’. B’ e sin an fhìor fheadhainn. Cha chreid mi nach e sin an fhìor chudainn bheag. I ‘Glasagan’. NA ‘Glasagan’. Ma dh’fhaodte nach e Gàidhlig Shuaineart a bha sin idir, chionn bha mise, fhios agad, uile-gu-lèir bha … Gàidhlig no dhà air a cleachdadh a-staigh o chionn bha … Rugadh mo sheanmhair an Uibhist, bha i san sgoil san Eilean Sgitheanach, ’s bha iad sin Gleann Eilg, ’s bha iad an sin sa Mhorbhairne. ’S bha iad an sin an Suaineart. Tha mi a’ creidsinn nach robh ‘glasag’ air ùisneachadh an Suaineart idir . ‘Saoidhean’ agus bha sin an t-‘ucas’. Bha an t-ucas a-staigh againne san loch [XX], bha e fàs na ‘shaoidhean’, bha e … (pause). ’S bha ‘liùghachan’, ‘liùgh’, ‘creagag’, ’s ‘bodach-ruadh’ agus ‘langa’, ’s ‘trosg’, ’s ‘adag’, ’s ‘caoideag’. Cha robh an ‘cronadan’ … chan fhaca mise dad dhen ‘chronadan’ a-staigh an loch riamh, ach bhitheadh e tighinn uaireigin a-staigh, an ‘cronadan’. Muinntir Shuaineart fhèin ’s e a’ ‘pheileag’ a theireadh ris a’ phorpoise. I O an e? NA ’S e. ‘Peileagan’. Sin air ùisneachadh am Muile ’s a-nuas. Ach ’s e … a-staigh againne ’s e ‘canaich’ a theireadh iad riutha. I ’S e ‘canaich’ a theirinn-sa ris. NA ’S e ‘canaich’ a theireadh iadsan riutha cuideachd, ach ’s e ‘peileagan’ a theireadh iad an Suaineart riutha, agus bha sin air ùisneachadh an Earra-Ghàidheal tha mi smaoineachadh. ‘Peileagan’. (long pause) I Eil ainmean agaibh air èisg bheaga anns an tràigh? NA Uill, ‘sìoltag’ is ‘sgiollagan’. Uill, theireadh tu ‘sgiollag’ ri iasg sam bith tha fhios agad, a tha beag. I An canadh? NA ‘Sgiollag’. Cha robh annta ach ‘sgiollagan’, tha fhios agad. (Pause) 00:14:28 Feamainn I Dè mu dheidhinn ainmean feamainn, seòrsachan feamainn? NA Uill, bha an ‘fheamainn-bhuidhe’. B’ e sin … ’s ‘feamainn [XX], agus am ‘barr-roc’. I Tha an t-ainm sin againne cuideachd. NA A bheil? I Tha. NA Chan e sin a their iad ris a-mach an Uibhist. C’ ainm-sa their iad ris? ’S e am ‘barr-roc’ … Sin rud … [XX] chan eil mi uamhraidh cinnteach … ‘maide-millist’. I ‘Maide-millist’ NA ’S e. Theireadh iad gun robh ‘maide-millist’ ris. A-nise, bha mise den bheachd, ach faodaidh gu bheil mi ceàrr, chì sibh … chì sibh … an àiteachan, gum biodh riasg air an tràigh. Co-dhiù am b’ e siud am ‘maide-millist’ gus nach e. I An robh ‘duileasg’ agaibh cuideachd? NA Bha e againn, ach cha robh e staigh cho fad ’s a bha mise … an duileasg ’s bha ‘carraigean’. Bha beagan ‘carraigean’ ceart gu leòr. Chan eil mi cinnteach mun fheamainn-dubh eile a bh’ anns an fheamainn [XX]. Chan eil fhios a’m. Tha mi smaointeachadh gura h-i. I An robh ainm air na duilleagan mòra feamainn a gheibh sibh shìos fada anns an tràigh? Bheil fios agaibh, an fheadhainn mhòra? NA Uill, bha sin a’ tighinn a-staigh nach robh fo ‘bharr-roc’. ‘Barr-roc’. Bha am fear sin gu math ìseal san tràigh. Uill ’s e sin ‘barr-roc’ a bheireamaide ris. Ach dè their iad ris an Uibhist a-nis? Chan urrainn dhomh chuimhneachadh. O ’s e ‘barr-roc’ a bha sin. Am ‘barr-roc’. Bha tràigh mhòr ann nuair a bhiodh am ‘barr-roc’ ris nuair a bhiodh e tràighte. I Am bi na sreangan fada a tha siud ris anns a’ mhuir? Sreangan fada sleamhainn. NA O na ‘driamlaichean’ a bha sin. Bha sin againn. I An robh ainm ac’ orra sin? NA O tha fhios gun robh ainm orra ach tha mise air a dhìochuimhneachadh uile-gu-lèir a-nis. I Bha ainm neònach againne orra. ’S e ‘gille-ma-[lung/?]. Chan eil fhios a’m cò às a thàinig an t-ainm. NA Chan eil fhios a’m. Cha chuala mi riamh e. Tha fhios gun robh ainm air, ach chan eil cuimhne … Tha fhios gun robh ainm againn air cuideachd nan robh … nam b’ urrainn dhòmhsa a chuimhneachadh. 00:18:03 Eòin I Dè nise mu dheidhinn eòin, eòin mhara no eòin sam bith eile? Eil cuimhn’ agaibh air ainm air [gin dhiubh sin/?]? NA ’S e ‘steàrnal’ a their sibhse. I ‘Steàrnan’. NA ‘Steàrnan’ a theireamaide cuideachd. ‘Steàrnan’. ‘Faoileag a’ chinn duibh’ agus an fhaoileag mhòr eile ’s e ‘sgliùrach’ a theireamaid rithe. I ‘Sgliùrach’. NA Seadh … a’ chinn mhòir. ‘Sgliùrach’. I An e ‘brìdein’ no ‘gille-Brìde’ …? NA ‘Gille-Brìde’. ‘Gille-Brìde’. ’Ille-Bhrìde ’ille-Bhrìde bhig bhochd Dè bhìgeil a th’ ort? Mis’ air mo [XX] snàmh don fhaoilinn Sin mi fhèin an taobh nam port. An cuala tu sin? I Cha chuala. NA Sin rann a b’ àbhaist a bhith againne. ’Ille-Bhrìde ’ille-Bhrìde bhig bhochd Dè bhìgeil a th’ ort? Mis’ air mo [XX] snàmh don fhaoilinn Sin mi fhèin an taobh nam port. An taobh nam port (Noises) I Saoilidh mi gur e an ‘trilleachan-tràghad’ a theireas tu ris an fheadhainn sin. NA Theireadh feadhainn thall againne na ‘bodhagan’ riutha. ‘Bodhag’. I ‘Bodhag’ NA ‘Bodhagan’ (Long pause) ’S e ’n ‘guilbneach’ a theireadh sibhse ris a’ ‘churlew’, ’s an fheannag ris a’ ‘hoodie crow’. Ròcais. A’ ‘chathag’, ‘jackdaw’ An robh sin ann? ‘Cathag’. ‘Cathag’, b’ e sin an ‘jackdaw’. ‘Cathag’. I A bheil gin eile agaibh? NA ’S e a’ chorra-ghritheach a theirear ris a’ ‘chòrr’, ris a’ ‘heron’ nach e? I ’S e. NA ’S an ‘chaffinch’, ’s e sin am ‘bricein-beithe’ an e? I ’S e. NA ’S [buillearag/?], ‘smeòrach’, ‘lon-dubh’, ‘uiseag’, ‘riabhag’. I Dè bh’ anns an ‘riabhag’? NA Chan eil fhios a’m dè a’ Bheurla a chuirinn air an ‘riabhaig’. Chan eil fios a’m dè a’ Bheurla bh’ air an ‘riabhaig’. (Pause) [XX] na cuthaig. Gocan na cuthaig. Gocan na cuthaig. ‘Coileach-dubh’, ’s ‘liath-chearc’. B’ e sin cearc a’ choilich-dhubh, ‘liath-chearc’ [XX]. Agus a’ ‘chearc-fhraoich’, ’s an ‘fheadag’. B’ e sin am ‘mountain plover’. (Pause) Tha fhios gun robh ainmean Gàidhlig orra, ach dè an t-ainm Beurla a bh’ orra? I O ma gheibh sin iad ann an Gàidhlig fhèin, [XX]. 00:22:54 Daolan agus ainmhidhean NA A’ ‘chorra-chòsag’. Dè bha sin? I O bha. Tha fhios a’m fhìn air an sin. NA A’ ‘chorra-chòsag’ a bh’ anns a’ … An ‘earwig’ sin … Dè seo bha … I An e ‘gobhlachan’ a th’ air a sin? NA Bha ‘gobhlachan’, agus nach robh ainm air choreigineach eile air. I ‘Fiolan’. Their iad ‘fiolan’ ris san Eilean Sgitheanach. NA Uill, ‘fiolan’ [XX] ainm eile air choreigineach ach cha tig e nam chuimhne. (Long pause/noises) … chuimhnich mi an-ceartuair dè bh’ againn air an ‘damhan-allaidh’. ’S e sin an ‘spider’ ceart gu leòr. Cha b’ e sin a bh’ againn air? I Nach e? NA Cha b’ e. I ‘Poca-salainn’ a their sinne ris. NA Sin agad e. ‘Poca-salainn’. Dè bheireadh sibh ris na ‘tadpoles’? Nach e ‘gille-simig’? Na ‘ceanna-phollan’. An ‘gille-simig’ am fear [XX] dhiubh. ‘Gille-simig’. ’S an fheadhainn eile a-rithist, chitheadh sibh air na lubanan [XX]. Chitheadh sibh air na luban iad. Cha chreid mi nach abair cuid thall againne [‘moragan an rìghlidh/?] riutha. Na losgan-dubha a theireadh sibh ris an ‘toad’. I Chan e. ‘Muile-mhàgag’ NA Uill, ’s e a’ ‘mhuile-mhàgag’ a theireamaide cuideachd ris, ach am Mùideart ’s e na màgain a theireadh iad riutha, ’s an losgan-dubh, gille-cràigein. I Dè bh’ anns a’ ‘ghille-cràigein’? NA Shin a’ … Shin an cràigean fhèin, fhios agad. Frog I An e? Loisgean a th’ air an sin a-rithist. NA ‘Gille-cràigein a bheireamaide ris. Chanadh feadhainn ‘losgan-dubh’ ris a’ ‘mhuile-mhàgag’ cuideachd ach ’s e an ‘gille-cràigein’ a bheireamaide ris, no ‘cràigean’ an dala cuid. ‘Cràigean’ no ‘gille-cràigein’ ris a’ frog. ‘Leumrachan’. An abraicheadh sibh ‘leumrachan’ ris thall agaibhse? I Cha chanadh. NA Feumaidh gu bheil nàdar de leumrachan thall anns an Eilean Sgitheanach. I Chan eil fhios a’m. NA Uill, chuala mi naidheachd … ’S e dà Sgitheanach a bh’ ann, fhios agad, agus bha iad ri bruaisteal, a bheil thu faicinn. Agus glè choltach gun robh … feumaidh gur e … chan eil fhios a’m bheil e … dè … ghabh mise a-staigh gur e cràigean beag a bh’ anns a [XX] anns a’ bhruaiste. “Cia d’ fhais their thu Ruairidh?” thuirt e ri chompanach. Ach chan eil ach an leumrachan bochd. Imlich am biadh agus tilg uat e a Ruairidh. Tilg uat e … a Ruairidh. I An robh an ‘hedgehog’ anns na ceàrnaidhean agaibhse idir? NA Bha. An ‘duircean-gàraidh’. Ach cha chuala mi e … cha robh e air ùisneachadh aca, sa chumantas aca. Ach ’s e … Chuala mi a’ Ghàidhlig sin air … an ‘duircean-gàraidh’ I An cuala? Tha iad shuas againne, ach cha d’ fhuair mi Gàidhlig idir air bho dhuine sam bith. Cha robh Gàidhlig idir aca air. ’S e ‘gràineag’ a’ Ghàidhlig a th’ air ann an àiteachan … a bh’ air bho shean cuideachd. Dè mu dheidhinn beathaichean eile. An robh ‘neas’ …? NA ‘Neas’. ’S e sin an ‘weasel’. Chan eil beachd agam gun robh Gàidhlig againn air an ‘stoat’ idir. Bha i dol a-staigh dìreach fo ‘neas’. An e ‘dacan-mig’ a bheireamaid? … gun robh iad … Sin rud a … their feadhainn ‘feòrag’ ri ‘ferret’ … I O. ’S e squirrel a thuiginn-sa leis. NA ’S e. ’S e ‘squirrel’ a bh’ againne cuideachd, ach chuala mi feadhainn a’ cantail ‘feòrag’ ris an ‘fherret’, ach feumaidh gur e ‘squirrel’ tha fhios agad … cha robh … cha robh na ‘ferretan’ … cha robh iad ann ris an t-seann àm. ’S tha àite eadar na Sàilean … àite shìos aig Dùn nam Borgh ris an can iad Innis nam Feòrag. I Seadh NA Agus ’s e ‘squirrel’ a dh’fheumadh sin a bhith a’ ciallachadh. I O tha fhios gur e. NA ’S e. Bha glaisrig a’ fuireach an sin. Bhiodh i daonnan a’ cur dragh air … creidsinn gur e caraid dhomh fhìn a bh’ ann, fear Somhairle MacIain. Bha e a’ fuireach san Innis. ’S a h-uile feasgar cha mhòr bhiodh e dol a thogail cuinneag uisge. Bhiodh i san allt ga nighe fhèin. Glè choltach gum biodh e trod rithe. Bhiodh i a’ freagairt: “Bha mi ’s bidh mi. Bha mi ’s bidh mi. Bha mi ’s bidh mi an Innis nam Feòrag. Innis nam feadan ’s nan doireachan smeòrach. Thèid mi do dh’Eige, ’s cha dèan mi ach seasamh, ’s tillidh mi feasgar do dh’Innis nam Feòrag.” Ach tha tuillidh mòr air. Tha eachdraidh ann am fear de na Celtic Reviews, tha mi a’ smaoineachadh timcheall na glaisrig sin. I Seadh. NA (Pause) Leis an sin, tha mi a’ smaoineachadh gur e ‘squirrel’ a bhiodh i a’ ciallachadh leis an fheòrag. A-rithist ‘taghan’ … I An ‘taghan’. An e sin am ‘pine marten’? NA Pine marten. I ’S e . Sin a th’ air san Eilean. NA ‘Feòcallan’ am ‘polecat’. I ‘Feòcallan’ NA ‘Feòcallan’, am ‘polecat’. I An e ‘madadh-ruadh’ a theireadh sibh ri ‘fox’, no ‘sionnach’? NA ‘Sionnach’, ‘sionnach’, ‘sionnach’. ‘Sionnach’ a theireadh … ‘sionnach’. Gun teagamh sam bith bha ’madadh-ruadh’ … fhios aca dè bh’ ann, ach ’s e an ‘sionnach’ a bh’ air a chleachdadh ann a … ann a … sa chumantas. ’S am ‘broc’ airson a’ ‘bhadger’. I Seadh. NA ‘Maigheach-bhàn’. I ‘Maigheach-bhàn’. NA ’S e. Sin am ‘mountain hare’. A’ ‘mhaigheach-bhàn’. Cha robh dad a ‘mhaighichean-ruadh’ againne ann. ’S theireadh cuid coinean leis an ‘rabbit’. (Long pause) 00:33:00 Craobhan I Seadh. Dè na h-ainmean a bhiodh aca air na craobhan? NA Craobhan? I Seadh. NA Bha ‘darach’, ’s ‘beithe’, ’s ‘leamhan’ … I ‘Leamhan’? NA ‘Elm’. I ’S e. NA ‘Leamhan’. ’S ‘feàrna’. Sin ‘alder’. I ’S e NA ‘Uinnsean’. ‘Seileach’. ‘Caorann’. (Long pause) I Dè theireadh sibh ri ‘honeysuckle’ ann an Gàidhlig? NA [Iadh/?] ma chrann. I [Iadh/?] ma chrann. NA ’S bha ‘fiodhag’ sin … bha ri faotainn am mòran àiteachan, tha mi smaoineachadh. I Dè bh’ anns an ‘fhiodhag’? NA An ‘fhiodhag’. Uill, ’s e … feadhainn ga cur sìos ‘wild fig’ no ‘huckberry’. Chì sibh. Tha i air a h-ainmeachadh anns an leabhar aig Fear Chanaigh, Dr Edwin Boyd, fhios agad. Gheibh sibh ‘fiodhag’ an sin. Tha mi smaointinn gur e ‘iallain’ is ‘eidheann’ a bheireamaide ris an ‘ivy’. Theireamaid an dà cuid rud ris. ‘Iallain’ is ‘eidheann’. ’S e ‘eidheann’ a theireadh sibhse ris tha fhios. I ’S e NA Ach ‘iallain’ co-dhiù ’s e … dh’abair iad ‘iallain’ ri ‘honeysuckle’ an àiteachan eile. Sin rud bha fhios a’m, ach bha ‘iallain’ air ùisneachadh againne ’s tha … ach tha mi car … air na ‘glaisrig lianachain. An i thug … Tè dhe na glaisrigean, thug i seachad gach fios air foill, gu taigh Mhic[Fhraing/?], ach guidheam mo chrann is fiodhagaich. Leis an sin, theireadh sibh gur e an ‘iallain’ a bha i a’ ciallachadh. Cha bhiodh a ‘honeysuckle’ … uill, chunna mi e fàs gu math an gàradh, pàirt dheth cuideachd. Ach chan eil mi … bha flùr bòidheach air an ‘fhiodhagaich’ ach cha robh feum droch fhiodh airson gabhail. Cha robh e math airson teine idir. Chan eil mi smaoineachadh gun robh dad a dh’ùis … nach robh e na dheagh … fear anns am biodh luach [XX] … bhiodh bata math gu leòr, bata fiodhagaich, ach chan eil mi smaointinn gun robh feum sam bith eile airson … Bha ‘critheann’ ann cuideachd. I Bha (Long pause) NA ’S ‘Calltainn’ … Iubhar. B’ e sin an ‘yew’ … ‘yew tree’. Bha an t-‘iubhar-beinne’. Chan eil fhios a’m dè bha sin a’ toirt a-staigh. ’S e an ‘caorann’ a bh’ anns an ‘iubhar-beinne’. ’S e an ‘cherry’ an t-‘sirist’. (Long pause) Bha ‘giuthas’. B’ e sin an ‘Scotch fir’. I ’S e. NA ‘Giuthas’ 00:38:32 Taighean I Dè an t-ainm a bh’ air gach pàirt dhen an taigh, dhen a’ mhullach? NA An e na taighean-tobhta bha sibh a’ ciallachadh? I Seadh NA Cha robh dad a thaighean-tobhta againne. Gin de na taighean-tobhta. ’S e taighean-tughadh a bha, faodaidh mi ràdh, a bhiodh aig na cruitearan air fad ’s balla-cloiche. I Mm. Dè bh’ anns an taigh-tobhta air leth bho na taighean? NA Uill, bha an taigh-tobhta aca air a thogail le sgroth. I O seadh. NA Bothain-thobhta ’s taighean-tobhta … ’s bha ainmean a-nis air na ceangailtean aige sin cuideachd agus tha mi an dèidh an dìochuimhneachadh. Taighean-tobhta. ‘Anainn’. B’ e sin a’ chuid ìseal dhen tughadh. Aig an ‘anainn’ sin. Agus [XX]. Bidh feadhainn a’ cur fraoch san ‘anainn’ againne is ‘bun-dubh’. ‘Raineach’ a bha sin. ‘Raineach’ air a spìonadh …‘Bun-dubh’ no ‘fhrioghan’ gu h-àrd. I Seadh NA ’S e ‘tughadh bhàn’ no ‘fionndrainneach’ a bh’ air ùisneachadh airson a’ chòrr. Theireadh feadhainn ‘tughadh bhàn’ ris. Ach gun teagamh sam bith ’s e ‘fionndrainneach’ air fàs bàn a bh’ ann. ’S ceann-simileir … [XX]. Bha [XX], an [sguilb/?] … I Dè bha sin a-nis? NA Uill, an [‘sguilb/?] airson cumail an tughadh air, tha fhios agad. ’S ann de challtainn. Slatan caola calltainn ’s iad air an lùbadh ’s air an cur a-staigh ’s bha … Bhiodh [XX] os cionn na h-‘anainne’ ’s ma dh’fhaodte dà [XX] san ‘fhrioghan’, fon ‘fhrioghan’ a-nuas don [sguilb] agus bhiodh sin fhios agad [XX] air an cumail air le cromagan no ‘cròcain’. Theireadh cuid ris ‘cròcain’. Dìreach maidean caola dìreach às a’ choille. [XX] ’S e ‘cròcain’ a bheireamaide riutha, ’s feadhainn eile ‘cromagan’ ach ’s e ‘cròcain’ … Tha an dà ainm air ùisneachadh. I Càit am biodh an teine mar bu trice anns na taighean sin? An ann aig ceann an taighe? NA O ’s ann … ’s ann … dòrlach dhiubh ’s ann am meadhan an taighe. I Nuair a bha toll air mullach an taighe. NA O bha similear, bha similear, bha ‘luidhear’. ’S e bha bitheanta de ‘chuilbh’. Bhiodh e air a’ … Bhiodh an similear de [chuilbh/?] tha fhios agad ’s e air crèadha ’s measgachadh le fodar air a chur air mar phlaster fhios agad. Bha sin sna trannsachan cuideachd a bhiodh eadar…bha iad air an eabrachadh … na “partitions” mar gum biodh a bhiodh … ’s an le ‘cuilbh’ a bha iad air a [XX] ’s iad air an dèanamh thairis le crèadha. I An e ‘trannsachan’ a theireadh sibh ris an sin? NA ’S e na ‘trannsachan’. Sin am “passage” mar gum biodh. San ‘tranns’. Ach ’s e ‘cuilbh’ a bh’ air ùisneachadh airson na … mar bu trice. I An robh ainm sònraichte air an t-similear a bhios ann an ceann an taighe. An robh similear mar gum biodh am broinn an taighe ri ceann an taighe … theireadh sinne ‘similear-crochaidh’. NA Bha ‘similear-crochaidh’ air ùisneachadh againne cuideachd, ach cha robh mòran … bha [XX] an ceann an taighe … bha iad air a thogail a-staigh sa bhalla. Bha e a’ dèanamh ‘stuaghannan’ air an taigh, tha fhios agad. Air na taighean, a’ mhòr-chuid dhiubh … a’ mhòr-chuid de na taighean, tha fhios agad, bha na similearan agus na cinn aca … bha ‘stuaghannan’ orra cuideachd. Ach chunna mi feadhainn mar a tha sibh a’ ciallachadh. Cha robh ‘stuam’ idir orra. Bha na similearan a’ tighinn a-mach à ceann an taighe mar gum bitheadh, air [XX]. [XX] gur e sin an ‘similear-crochaidh’. I An robh ainmean air na dorsan, na dorsan a-staigh … an doras a-muigh … an robh ainm sònraichte … ? NA Chan eil mi smaoineachadh (Pause) … bha ainmean, ach chan eil fhios a’m an urrainn dhomh … ‘doras-cathamh’. Dè bh’ anns an ‘doras-chathamh’? I Saoilidh mise gur e sin an doras an taobh a-staigh an taighe. NA ’S e. ‘Doras-cathamh’. Uill, sin na chuala mi. ’S an ‘doras a-muigh’ ’s an ‘doras-cathamh’. Sin na tha beachd agamsa air co-dhiù. I Co mheud seòmar a bhiodh anns an taigh mar bu trice? NA Mar bu trice ’s e cidsin agus rùm is clòsaid. Mar bu trice. Uill ’s e sin an cumantas a bh’ anns na taighean-tughaidh againn. I Ri ur cuimhne-se bhiodh am bàthach air ‘leth-bhonn’ an taighe. NA Cha robh, cha robh, cha robh. O cha robh gin dhiubh sin idir, cha robh ach anns an fheadhainn anns an robh similearan am meadhan an taighe. Bha clòsaid air cùl gu math tric, eadar an dà shimilear mar gum biodh. I Seadh NA Air cùl a bha e, eadar an dà shimilear. Bha a’ chlòsaid an sin gu math bith … Stòras na clòsaid, an [doras-cathamh/?]. ’S e [XX] a bh’ air ùisneachadh air sin. ‘Ceangal nan cupallan’. 00:46:59 Bàthchannan I Seadh (Pause). Am broinn a’ bhàthaich dè theireadh sibh ris gach earrann dhen a sin? Far am biodh a’ bhò air a ceangal dè bh’ agad air an sin? NA O uill tha … uill, bha feadhainn dhen fheadhainn às nach robh (noise) ris an canadh iad ‘stèic’. Bha [XX] I An e buaile a theireadh sibh ris an àite san robh a’ bhò na laighe nuair a bha i sa bhàthach? “Stall” mar gun canadh sibh. Dè a’ Ghàidhlig a bh’ agaibh air an sin? (noises) NA Gun teagamh sam bith ’s e a’ ‘bhuaile’. B’ e sin am “fold” ceart gu leòr. ‘Crò’ a-rithist airson … ach tha sin … ‘crò’ nam biodh tu a’ gleidheadh nan gamhna no na laoigh. ’S e an ‘crò’ bha sin … no beathach sam bith nach robh ceangailte … ’s an ‘crò’, ‘crò’ nan laogh no … I Am biodh seòrsa de dhrèana no rud sam bith am meadhan a’ bhàthaich. An robh ainm agaibh air a sin? NA Dad ort a-nis … ‘innidh’. I ‘Innidh’ NA ‘Innidh’ na bà. San ‘innidh’. ’S e sin an drèana bha … I ‘Casgar’ a theirinn-sa ris. NA ‘Casgarra’? I ‘Casgar’ NA ‘Casgar’? ’S e ‘inne’, an ‘inne’ a theireamaide ris. San ‘innidh’. San ‘inne’. Ma dh’fhaodte nan rachadh tu mach fhios agad ’s nam beireadh mart air [XX] An ‘inne’ bheireamaide ris. (Long pause) 00:49:48 Caoraich I Dè na h-ainmean a bh’ agaibh air gach seòrsa caora, aig gach aois? NA ‘Uan’, ‘othaisg’, ‘[stiamhag/?]’. Bha sin gan toirt suas a dh’ionnsaigh na caora. Nuair a bha i a’ fàs còig no sia bhliadhnaichean, bha i dol na ‘crog’. I An e ‘molt’ a theireadh sibh? NA ‘Molt’. ’S e bheireamaide. I Dè a-nis mu na comharraidhean-cluaise. Co mheud ainm air a bheil cuimhn’ agaibh dhiubh sin? NA ‘Smeòrach’, ’bacan àrd’ is ’bacan ìseal’. Cha chuala mi dad riamh ach ‘beum’. ‘Beum’, ’smeòrach’, ‘bacan àrd’, ‘bacan cùil’, am fear a bhiodh cuide ris … ris a’ bhacan ìseal, ’s toll sa chluas. ’Smeòrach’ - bha sin am bàrr na cluais. Chan eil mi smaoineachadh gun robh an còrr chomharran air an ùisneachadh, gum faca mise an còrr ’s bha mi am measg chaorach fada, fada. (Pause) Shuas an seo ’s e ‘ciob’a bheireadh iad air, ‘cas-chiob’ a bheireadh iad air ‘bacan’. ‘Cas-chiob’ cha ’reid mi. ’S e ‘cas-chiob’ a bheireadh iad air … bacan … no ‘ciob’… (Pause) airson na frasach, airson far am biodh iad a’ cur a … seagal, an eòrna, an rud… ’s na [cròthan/?] … ‘frasach’. (Pause) ’S e ‘cearran’ a bheireamaide ri ‘ceannag fheòir’ dhaibh. ’Ceannag’ ach gu … I Dè bh’ anns a’ ‘cheannag’? NA Uill, sin a rud a bha thu toirt … ach gu … Loch Abar, ’s e [‘mùillean/?] I ’S e [‘mùillean/?] a theirinn-sa cuideachd. NA ’S e [‘mùillean/?] ach ’s e ‘ceannag’ a bheireamaide. (Pause) ’S bha rithist … (Pause) 00:54:00 Buntàta I Buntàta. Dè bhiodh iad …? NA ’S ann leis a’ ‘ghràpa’. I Leis a’ ‘ghràpa’. Cha robh leithid a rud ri ‘croman’ agaibh? NA Cha robh. I ’S e ‘croman’ a bhiodh againne. NA Talamh gainmhich a bha … Cha robh ach talamh gainmhich againne. Bha e duilich gu leòr an ‘gràpa’ fhèin a chur ann gun … o ’s e an ‘gràpa’ rim latha-sa co-dhiù. O ’s e ’n ‘gràpa’. I Nise, nuair a bhiodh sibh a’ cur a’ bhuntàta, am biodh sibh a’ gearradh nan sùilean. NA Bha ‘sgoilteanan’. I ‘Sgoilteanan’. An e sin na criomagan a bha sibh a’ cur. NA ’S e. ‘Sgoiltean’. I Dè theireadh sibh ris a’ phìos a bh’ air fhàgail? NA O dash it a-niste! [‘Glaodhain’/?]. I [‘Glaodhain’/?]. NA ’S e. [‘Glaodhain’/?]. ‘Sgoiltean’ agus [‘Glaodhain’/?]. (Pause) I Cia mheud seòrsa talamh a bh’ agaibh? Tha fhios uaireannan dh’fhaodadh gum biodh neach a’ cur buntàta no corca no rudeigin ann am pìos talmhainn anns an robh rudeigin eile air a chur a’ bhliadhna roimhe sin. NA [‘Connlach’/?] nach e bha sin? I An e sin a theireadh sibhse? NA Nam biodh coirce ann an-uiridh, tòrr connlach, tòrr glasraidhean far nach robh dad idir [XX], talamh glas, [XX] ‘connlach’ agus [àrannachd/?] a-rithist. Talamh glas, connlach is [àrannachd/?] 00:56:00 Planting and Ploughing I An ann leis a’ chrann bu trice a bhiodh sibh a’ cur a’ bhuntàta, le eich is crann? NA Bha meall an àiteachan, ’s ann le spaid a bha iad … I Leis an spaid …Cha robh ‘cas-chrom’ no cas …? NA Cha robh a’ ‘chas-chrom’. Cha robh. I ’S e ‘cas-chas’ a their sinne ris a’ ‘chas-chrom’ an rathad againne. NA Aidh. ’S e ‘cas-chrom’ a bheireadh iad againne ach cha robh i ann. Cha robh i ann rim latha-sa. Cha robh a’ ‘chas-chrom’ ann rim latha-sa idir. I Tha i againne fhathast. NA Dè seo a’ stobadh a’ bhuntàta. Dè seo bheireadh iad ris? An e ‘peallag’? ‘Piollag’ no ‘peallag’ a theireadh iad ris? An rud a bha ga stobadh. Dè t-ainm a theireadh iad ris? I Am biodh sibhse tionndadh na talmhainn uile an toiseach? NA Bha feadhainn tha fhios agad gan tionndadh an talmhainn ’s cur [XX]. Bha iad sin gan stobadh … ‘Pleadhag’ I ‘Pleadhag’ NA ’S e. ‘Pleadhag’. Gan stobadh le … Bhiodh feadhainn ris an sin, tha fhios agad. Thigeadh e roimhe na bu luaithe … I Na bhith cur na sùil anns an t-sreath. NA Seadh. Agus … I Bhiodh iad an uair sin a’ bristeadh uachdar na talmhainn le ràcan trom na … NA Bha. Ràcan no cliabh. Nise, an rud a bha glè iongantach, againne ’s ann a’ cur na sgoiltean san sgrìob, am bonn na sgrìob, tha fhios agad, sgrìob a bha … Ach shìos an Àth Tharracail, ’s ann air a’ ‘mhàm’ mun tuirt sinn e … sin an ath sgrìob a bha ga tionndadh thairis a bha iad a’ cur na ‘sgoilteanan’ ’s bha na bha tighinn ris bha iad a’ tionndadh thairis a-staigh don sgrìob. ’S ann air a’ ‘mhàm’ a bha iad a’ cur, tha fhios agad, cha b’ ann sa chlais a bha iad ga chur idir ach air a’ ‘mhàm’. I Air a’ ‘mhàm’. NA Fhios agad, an t-each a bha … an t-each a bha mach, mar gum biodh, ’s ann air a’ mhàm a bha e. I ’S ann. NA Co-dhiù an e sin na bh’ agaibhse, chan eil fhios a’m. (Long pause) ’S a-nise an e [cioba-làir/?] no ‘làmh-chiob’ a theireadh sibh ris a … I [Caibe-làir/?] a theireadh sinne ri … NA [Cioba-làir]. Uill theireadh cuid againn [làmh-chioba/?] ris. I [Làmh-chioba/?] NA [Làmh-chioba/?]. Bha an ràdh againn: ’S ann agam fhìn a tha an làr. Ged nach biodh i ’n tàl, nì i an [tàilein/?] lom. [Làmh-chiob/?]. Ach ’s e [cioba-làir/?] … Bha an dà chuid air ùisneachadh. I ’S dè bhite a’ dèanamh leis an [làmh-chiob/?]? NA ’S i bhiodh a’ rùsgadh nam bac, ’s bhiodh a’ buain nan sgrothan. Buain sgrothan airson [XX], nuair a bha iad a’ sgrothadh… ga ùisneachadh a’ sgrothadh airson pollagan buntàta no rùsgadh nam bac. A’ [làmh-chiob/?], a’ [chioba-làir/?] a bh’ air a … chan fhaic thu … Cha ’reid mi gu bheil gin idir dhiubh ri fhaicinn a-nise thall againne … dhiubh sin. (Long pause) I 01:01:40 Ìm A-nise, dè an dòigh air am biodh iad a’ dèanamh ìm? Dè theireadh iad ris an sin? NA O ’s e a’ ‘chrannachan’. I ‘Crannachan’. NA ‘Crannachan’, [‘curn’/?]. Uill, bha meall ’s e [‘curn’/?] a bheireadh iad mu dheireadh. Cha robh sin ach dìreach a’ Bheurla car … ’S e an ‘crannachan’ … [‘Muidh’/?] I ’S e [muidh/?] a theireadh sinne. NA [Muidh/?], crannachan. ’S e an crannachan, tha mi smaoineachadh, bu trice a bha … I Dè seòrsa uidheam a bha sin? An e …? NA Fear-loinig. I Seadh. NA ’S e. Fear-loinig a bh’ air ùisneachadh. ’S a’ mhòr-chuid gu mu dheireadh dh’fhaodte gum biodh [XX]-loinig … an loinig a bha air ùisneachadh … crannachan. ‘Curn’. An ‘curn mu dheireadh’. Cha mhòr nach e an ‘curn’ a bha air ùisneachadh, ach sa Ghàidhlig air fad thall, siud a’ dèanamh a’ ‘churn’. (Long pause) 01:01:55 Bainne I Dè theireadh sibh ris a’ bhainne a thigeadh on bhò an dèidh dhi breith? NA Bainne-buidhe. I Am biodh sibh ga [XX]? NA Bhitheadh. Bhitheadh. I Bainne-buidhe a theireadh sibh ris? Bainne-buidhe? NA Bainne-buidhe. I Ciad-bhainne. NA Ciad-bhainne. Bha ciad-bhainne, bainne-buidhe. Bhiodh iad ga bhruich ceart gu leòr. 01:02:38 Maragan I Tha fhios gum biodh iad a’ dèanamh maragan, nuair a bhiodh iad a’ marbhadh beathach caorach. NA Bha. Bha. I An robh ainmean agaibh air na maragan ’s air an [XX]? NA O uill … chan eil mi smaoineachadh gun robh, ach ‘marag-dhubh’ is ‘marag-gheal’. I Tha ainmean againn orra. Bha tè mhòr ann mar gum biodh filleachan timcheall oirre. NA O ‘currac-an-rìgh’. I Seadh. ’S e. An tè mhòr eile … an tè mhòr gharbh eile … a bheil cuimhn’ agaibh? NA [Maodal/?]. Chan i. Caolan. I Tè mhòr mar gum biodh dà bholg mhòr oirre. NA ’S e a’ mhaodal a bhiodh an sin, nach i? ’S e. I A’ chearc a their sinne rithe. A’ chearc, a their sinne rithe. NA Ach … ‘currac-an-rìgh’ … Bha fear eile ann cuideachd, a bharrachd air currac-an-rìgh. I Marag [XX] dùinte. NA Sin agad e. ‘Marag [XX] dùinte. An e ‘minig’ a bheireadh sibh ri stamag? I Dè? NA An e ‘minig’ a bheireadh sibh ri stamag uain no …? I Chan e 01:04:19 Deasgainn NA A bheil iad a’ dèanamh ‘deasgainn’? Feumaidh gum bitheadh. ‘Deasgainn’. ’S e sin “rennet”. I ‘Binig’? NA ‘Minig’ I O ‘minig’ a theireadh sibhse. ‘Binig’ a theirinn-sa. NA Uill, cha bhi ann ach an aon … Fhios agad an seann ghuidh nam biodh tu fhios agad … nach cuireadh tu droch shùil air beathach, ‘Do shùil bhiorach ann am binig hama’…’s theireadh feadhainn eile, ‘Fliuch do shùil’ nan gonadh tu beathach. (Long pause) 01:05:37 Ainmhidhean ‘Slabhag’ air a ràdh air a’ chuid a bha ’n adharc air. I O ’s e NA ‘Slabhag’. Agus ‘corc-chluasach’, beathach a bhiodh cluasan … dè mar a bha iad? Bha iad car tiugh is car … [XX] … ‘corc-chluasach’ (Long pause). ’S tha fhios gur e ‘searrach’ a bhiodh agaibh is ‘loth’ is [biorraich/?], [biorraich/?] is loth. I Dè bh’ anns a’ ‘[bhiorraich/?]’? NA Tha mi smaoineachadh gur e … Bliadhnach a bh’ anns a’ [bhiorraich/?]. Nam biodh e aige bliadhna is dà bhliadhna, am ‘[biorraich]’. Ach gu … cha robh ‘loth’ air [XX] … ‘loth’ aca an Uibhist, ach tha mi smaoineachadh gun robh ‘loth’ a’ ciallachadh … ’s ann boireann a bha an ‘loth’, ach ’s e ‘[biorraich/?’] a bheireamaide ris gus bliadhnach, no ma dh’fhaodte gun robh e tuilleadh, chan eil fhios agam, tha mi smaoineachadh gun robh e na ‘loth’ no nach do … na ‘[bhiorraich/?] is e na ‘loth’ [XX] idir (Pause) ‘S e [‘atharla’/?] bheireadh sibh tha fhios ri mart ri ciad laogh. I Dè theireadh sibh? NA [‘Atharla/?’] I [‘Atharla/?’]? NA ’S e. Agh tha fhios agad, ach dh’fhaodadh an t-agh a bhith gun laogh idir. I Dh’fhaodadh. NA Ach tè na ciad laogh, ’s e [‘atharla/?’] a bhiodh innte. I Dè theireadh sibh ri mart can nam biodh i seasg bliadhna … gun laogh ...? NA Uill, [‘geatharnach’/?] /[‘Gaidhearnach’/?].. I [‘Geatharnach’/?]/[‘Gaidhearnach’/?]. NA [‘Geatharnach’/?] /[‘Gaidhearnach’/?]. Bha i sin gun laogh innte. Bha i [‘geatharnach’/?] /[‘gaidhearnach’/?]. Bha i seasg. Uill tha, nam biodh i ma dh’fhaodte … nam biodh i seasg airson bliadhna no ma bha i seasg dà bhliadhna … ’S e ‘òigeach’ a bheirinn-sa ri ‘stalan’. I ‘Àigeach’ a th’ againne. NA ’S e. 01:09:03 Eòin A-nise, dè th’ anns a’ ‘bhuna-bhuachaille’? An e a’ ‘bhuna-bhuachille’ ’s an t-amhsan, an e an aon rud a th’ annta no deifir a th’ annta? I Chan eil fhios a’m cò ris a their sibh … NA ’S e an t-‘amhsan’, ’s e sin ‘gannet’. I An e sin a theireadh sibhse rithe? NA Cha ’reid mi nach e. An t-‘amhsan’. Ach chan eil fhios a’m co dhiù ’s e am [buna-bhuachaille/?] an e aon rud a th’ ann gus nach e. I Nach e an ‘Great northern diver’ as trice ris an can iad a’ bhuna-bhuachaille. NA ‘Buna-bhuachaille’. ’S e sin an ‘Great northern diver’. I Sùlaire a their sinne. NA ‘Sùlaire’. ’S e ‘sùlaire’ a bheir sinne ris cuideachd. Cha ’reid mi nach e, nach e ‘sùlaire’ an t-‘amhsan’ cuideachd. I Seadh NA ‘Crann-lach’. ‘Tunnag’. Chan eil i ach beag seach càch. Chan eil fhios a’m dè a’ Bheurla a th’ oirre. ’S e an ‘teal’ a th’ anns an ‘lach’. I ‘Crann-lach’ NA ‘Crann-lach’. Chan eil i ach beag. Chan eil fhios a’m dè a’ Bheurla a th’ oirre. Ach ’s e an lach a’ ghob bioraich a tha sin an ‘teal’. (Pause) Dè seo nis … (Pause) tha mi an dèidh a dhìochuimhneachadh uile-gu-lèir. An t-‘adharcan’ a theireamaide ris a’ ‘pheewit’, an t-‘adharcan-luachrach’. Ach gu … An t-‘adharcan luachrach’. ’S e sin an ‘snipe’ nach e? I Budagoc NA ‘Croman-lòin’ a their sinne ris. ‘Naosg’. ‘Croman-lòin’ cha ’reid mi bheir sinne ris. ’S e an ‘croman-lòin’. Bha e aca ann an Àrasaig ’s na h-àiteachan sin am ‘budagoc’ ris. ’S e ’n ‘croman-lòin’ … (Long pause) 01:12:05 Creutairean-mara agus feamainn B’ e an ‘dolphin’ … an e sin an ‘cearbag’ I ’S e NA ‘Sgait’, ‘sòrnan’ I ‘Sòrnan’? Cò ris a their sibh ‘sòrnan’? NA ‘Sgait’ tha sin cuideachd. ’S e. Chan eil mo smaoineachadh gu bheil ‘sòrnan’ cho mòr. Chan eil i ach beag, ach ’s e seòrsa sgait a th’ innte - san t-‘sòrnan’. I An e ‘easgann’ a their sibhse? NA ’S e. ‘Easgann’. ‘Easgann’ a bheir sinne. Ah ’s e. (long pause) 01:13:10 Creutairean measgaichte Cearbadan-dè, am bodach reamhar. I Cearbadan-dè … (butterfly according to Dwelly) NA Cearbadan-dè … (Pause) [XX] I Dè tha sin? NA Dad ort a-nis, an [‘damhan-nathrach’/?] an e sin a … cha chuimhnich mi air a’ Bheurla air an [‘damhan-nathrach’/?] (Pause) Nach neònach nach tig e gu m’ inntinn. (Pause) ‘Grasshopper’. I O sin an ‘grasshopper’. NA Sin am ‘mole’. I ‘Fath’ NA Am ‘fath-thalmhainn’. ‘Fath-thalmhainn’. Fath … thalmhainn. ’S e an dubh-reabh a their iad rithe an siorrachd Pheairt. I O, an e? NA ’S e. An ‘dubh-reabh’ I Dè theireadh sibh ris na luchainn a gheibhte a-muigh, no measg an fheòir? NA Cha chuala mise ach na ‘luchainn-feòir’ fhèin. Luchainn-feòir. ’S an ‘dallag’. I Dè theireadh sibh ri ‘bat’? NA ‘Dialtag’. I ‘Dialtag’. NA ‘Dialtag’ I An ‘dealtag-oidhche’ a their sinne a-nis NA ’S e. I An ‘dealtag-oidhche’. NA ‘Dialtag’ a bheir sinne ris no ‘ialtag’, an dala cuid. Bha feadhainn a’ cur ‘d’ ann ’s feadhainn nach robh, ach an ‘i’. ‘Ialtag’. I “Wasp”. Dè theireadh sibh ri “wasp”? NA Dè thuirt thu? I ‘Wasp’. Dè a’ Ghàidhlig a bh’ agaibh air ‘wasp’? NA Air …? I ‘Wasp’. NA A’ Ghàidhlig air …? I Air ‘wasp’. NA ‘Coimhspeach’ (connspeach). I ‘Coimhspeach’ (connspeach). NA ‘Speach’ their feadhainn, ach ‘coimhspeach’ (connspeach) a bhiodh againne. ‘Coimhspeach’(connspeach). ‘Seillean-ruadh’. I Seadh. NA ’S e ‘seillean na tòine mòra’ a chuala mi air a’ ‘bhumble-bee’. I An e? NA ’S e, ach chan eil fhios a’m. Sin na chuala mise. Cha chuala mi ach ‘seillean na tòine mòra’. ‘Seillean-ruadh’. ‘Seangan-ruadh’. ’S seangan-ruadh’. Bha ‘seangan-cùil’ is fear ruadh. (Pause) ‘Luachrachan’ “lizard”. I ‘Dearc-luachrach’. End of tape.