GU_Mrs_Marion_Montgomery Transcription [FW:] Unidentified Female Fieldworker [MM:] Marion Montgomery [MR:] Mary Ross [UM:] Unidentified Male [MM:] […] air ceithir puist agus tha dà chrann innte – crann airson an t-snàth is crann airson an aodaich. Agus… seicle, piùrna, fullagan is casachan is [XX] uaireannan. Agus, slinn, slinn anns an t-slinn-chlàr, garman-uchd, min-eàrraidh, spàl is iteachan. [BREAK IN TAPE] [MM:] Beart-deilbh, ceithir maighdeanan anns a’ bheairt-deilbh agus a dhà dhiubh, agus fuaighean annta, agus spìcean-fiodha. [MR:] Spìcean-fiodha air a bheil thu, air a bheil thu a’ cur an t-snàthad airson a dhèanamh deiseil airson na beairt. [BREAK IN TAPE] Tha, crois-iarna, agus geata-siùrag agus lionradh. [BREAK IN TAPE] [MM:] Gheibheadh sibh clòimh a bhiodh air a thoirt dhachaigh […] agus air a dathadh agus… bha iomadach dath aca cuideachd. Bha dubh, bhiodh a’ dèanamh an dath dhubh agus… an dath ghlas le bhith cur an clòimh gheal còmhla ris a’ chlòimh dhubh. Agus, dathan eile bhiodh iad a’ toirt às an talamh: sealasdair, buaghallan, dubh-chasach, crotal… agus fraoch, fraoch uaireannan, agus… dathan[an/?] eile. [MR:] Agus cairt. Robh, robh? [MM:] Cairt, bhiodh iad uaireannan a’ dèanamh dathadh cairt, sin agad… tha, root waterlily, dhèanadh e dath donn. [MR:] Saoidh cuideachd. [MM:] Saoidh, dhèanadh e dath buidhe, agus… bhiodh iad a’ faighinn dathan Gallta dhachaigh cuideachd mar dhearg is purpaidh is… dathan mar sin cuideachd. Bha iad a’ dèanamh an dath ghuirmean, bhiodh iad a’ cur, tha, cruinneachadh maistir ’s ga chur ann an tuba, agus fhaighinn a’ ghuirmean a bhios ga chur ann, còmhla ris a’ chlòimh. Agus nuair a bhiodh e ann a shin còmhla ri chèile a dhà no thrì lathaichean bhiodh iad a’ falbh agus a’ faighinn sealbhag, agus a’ bruich na sealbhaig ’s ga goil air an ceann agus a’ cur an t-sùth aice còmhla ris a’ ghuirmean air ais dhan tubaidh agus ga fhàgail ann latha neo dhà còmhla, agus bha sin, tha… an dath ghuirmean a thoireadh gus nach toireadh càil an dath, a dhaighneachadh gu bràth, cha toireadh grian neo uisge na nì [an còrr/?] an dath ghuirmean a bh’ ann, cha d’ rinn e an dath a dh’fhalbh. An dath chrotalach, bha iad a’ toirt, a’ sgrìobadh a’ chrotail far na creagan agus a’ cur, ga chur am measg na clòimhe ann am prais mhòr, agus uisge, agus a’ cur na praise air an teine agus… ga theasaigeadh ’s bha an dath a’ falbh às a’ chrotail a-staigh dhan chlòimh, ’s bhiodh dath breàgha, donn agad – aotrom neo trom a rèir ’s na chur thu ann de chrotal còmhla ris a’ chlòimh. Agus an dèidh dha a bhith air a ghlanadh às dèidh an dath a chur air, bha an uairsin a’ chlòimh air a tiormachadh agus air a cìreadh. Agus bha na dathan air an cur còmhla ri chèile agus iad air a… [MR:] Cothlamadh… [MM:] Cothlamadh air a dhèanamh dhiubh, gan cur còmhla ri chèile airson gum faigheadh tu dath a bha thu airson a bhith anns a’ chlòimh, fhios agad, bhiodh liath, ’s bhiodh crotal, ’s geal na dubh na a rèir dè bha thu ag iarraidh an clòimh a bhith. Uaireannan bhiodh an clòimh, cha bhiodh ann ach an guirmean fhèin, dath ghuirmean, uaireannan leis a’ chrotal, uaireannan ann nach robh. Agus… uaireannan eile bhiodh dath an shnàithle gheal ’s dath an shnàithle dhubh ’s… na dath an shnàithle ghorm is gheal neo mar sin. [MR:] Bha [an crotal/?] […] gu math bitheanta. [MM:] Agus nuair a… bha iad ga chàrdadh mar sin treis mhòr ’s ga chur cuideachd. Dh’fhalbh a dhà na trì uairean bhiodh e uile na chàirt, ’s e sin ach càrdadh na làimhe a bhiodh aca an toiseach agus… air an cur troimhe chèile cho math ’s a b’ urrainn dha… bha iad an uairsin, bha iad a’ dèanamh roithleagan na bu chaoile airson a… snìomh agus bha iad an uairsin a’ dèanamh an t-snàthad air a’ chuibhle agus… an dèidh dhaibh an clòimh a chìreadh, mun tòisicheadh iad air an càrdadh bha iad a’ cur armadh innte, ola, airson gun deidhinn– bhiodh e na b’ fhasa dhi [XX] a chàrdadh, ’s gum biodh e na b’ fhasa a snìomh. Mar bu trice, ’s e an clòimh a bhiodh iad a’ dèanamh aig an taigh ’s e ola an èisg a bha iad a’ cur ann an uairsin, nach e? Ola an èisg ris an canadh iad ‘eòlan’. [BREAK IN TAPE] [MR:] B’ àbhaist dhaibh … bhiodh iad, an eòlan a’ lasadh anns a’ chrùisgean cuideachd. [MM:] A’ chiad chuid dhen chlòimh a dheidheadh tro na càrdan, ’s e peàirdean a chanadh iad riutha. Peàirdean. Agus às dèidh sin bhiodh iad a’ dèanamh na roithleagan airson an t-snìomh. Bha iadsan na bu chaoile. [BREAK IN TAPE] [MM:] Bha, bhiodh iad a’ snìomh [XX] agus a’ cur na [XX] a bha air a shnìomh na bu chruaidhe agus dh’fheumadh e a bhith air a shnìomh gu math cuideachd gus nach bristeadh e anns a’ bheairt. Ach bha thu a’ cur am fear a shnìomh na bu laige, ’s nuair a bhiodh an cùrsa [XX] deiseil, bha iad an uairsin, bha iad a’ cur an t-snàth air a’ bheairt-deilbh. [MR:] […] [MM:] Crotal a bhith air an t-snàthad, airson gum biodh alt air a’ chlòimh. Bha agad ris an t-snàth atharrachadh mar a bhiodh tu a’ dol air adhart gus am biodh fhios agad cia mheud snàithlean a bha air a’ chlòimh. Dh’fheumadh [XX] de shnàithlean a bhith air a’ chlòimh a rèir ’s dè am meud a bha thu a’ cur ann. [BREAK IN TAPE] [MM:] Bha trì cheud snàithlean anns a’ chlòimh mar bu trice agus ochd àireamh. A’ chiad ochd àireamh, ochd neo sia àireamh. [FW:] Àireamh? [MM:] Bhiodh mu chòig snàithlean… [FW:] Oh seadh. [BREAK IN TAPE] [MM:] Nuair a bheireadh iad an snàithle far na beairt-àireamh bhiodh iad a’ dèanamh figh- a’ cur ann am figheachan airson gun cumadh e rèidh [XX] a’ tighinn thuca [XX] dhan a’ bheairt. [BREAK IN TAPE] [MM:] Bhiodh iad a’ cur an t-snàth ann an cuibhle air crois-iarna agus… ’s dòcha gun cuireadh iad an snàth sin, gun cuireadh e ann an dath e agus bhiodh iad a’ cunntais nan àireamh air a… a bhiodh air a’ chrois-iarna a chionn bha iad a’ cur trì cheud agus sia neo ochd de dh’àireamhan air a’ chrois-iarna. Bhiodh [XX] a’ chrois-iarna slat. [BREAK IN TAPE] Air a’ chrois-iarna dhèanadh i slat. Bha ochd troighean a dh’fhaid anns an t-slait Ghàidhealaich. [Tape trips] geata-siùrag air am biodh iad… lionradh… air am biodh iad a’ cur shnàth… an iarna, a’ cur na h-iarna airson an tachrais agus bha iad a’ dèanamh ceangalan dhiubh. Rud eile a bh’ aca a bhiodh iad a’ dèanamh leis a’ gheata-siùrag ’s e piùrna, bha piùrna na cuibhle ag obair ann a bha sin airson an snàth a thachrais. [BREAK IN TAPE] Nuair a bhiodh iad a’ cur a’ chlòimh air a’ bheairt, bhiodh iad a’ faighinn na snàithle mu dheireadh agus a’ cur dà shlat tro na… dà shlat ris an canadh iad slatan-croisein tron a’ chlòimh. Agus an uairsin, tè dhe na slatan anns a’ chrann a bhios a’ ruith an t-snàthad air a’ chrann, agus a-nise a’ cur poit, ga chur ann an rèile. Bhathar an uairsin ga chur ann an iomallanain, agus a-rithist dhan an t-slinn, agus nuair a gheibheadh a chur tron an t-slinn bha iad ga cheangal le sreang ris a’ bhòrd-chroisein agus ’s e an caoibean a chanadh iad ris a sin. [BREAK IN TAPE] [MM:] Bha an clò an uairsin deiseil airson tòiseachadh air fhighe, ’s bha bioran aca ris an canadh iad [biorcachan/?] is bha iad a’ cur dath an àireamh tro [XX] an t-slinn. Bha an t-slinn anns an t-slinne-chlàr agus nuair a bhiodh iad a’ [XX] an t-snàth a chur air an t-slinn bha iad a’ ceangal an t-snàth ri… ri pìos-maide trom a bha air a cheangal ris a’ chrann-shnàth, le sreangan. Agus bha iad an uairsin a’ cur an spàl ri taobh an alt air a’ chlòimh […] an alt air a’ chlòimh, ’s a’ cur an spal tro na… tron an t-snàthad airson tòiseachadh air an aodach a dhèanamh. Agus nuair a bhiodh bìdeag aca dhen aodach air a dhèanamh, nuair a gheibh e seachad sìos air a’… air a’ bhòrd a bha air an ruithlean, bha iad a’ cur an uairsin maide eile ris an canadh iad an garman-uchd eadar iad fhèin agus an snàthad. Agus bha iad a’ faighinn rud ris an canadh iad mìn-eàrraidh agus ga chur anns gach taobh dhen chlòimh. ’S e am mìn-earraidh a bha dol a [dh’fhaideachadh/?], bhiodh sin air a chumail le chèile le crotal agus… bioran [XX] teannadh airson a dhol [air fàs/?], airson an t-aodach a chumail… [MR:] Anns a’ bheairt. A chumail math, airson a chumail le chèile airson gum biodh e na b’ fhaide [XX]. Mar a… bhiodh iad a’ leigeil [crìoch/?], ’s e bhith a’ leigeil an t-snàth far a… a’ cur an t-snàth far a’ chrainn-shnàith agus a’ leigeil an aodaich sìos far a’ chrainn-aodaich, mar a bhiodh iad ag obair. […] [MM:] Oh bha, ’s ann mar sin a bha e gu dearbh. [MR:] Bhiodh iad a’… bhiodh e tiugh is… leis mar a dh’obraich iad air. [FW:] Seadh, seadh. [MR:] A chur air… iteachan, a chur air an iteachan. [MM:] Oh uill, thòisicheadh iad air fighe. ’S a bhith a’ cur an iteachan dhan spàl. ’S bha spàl a’ ruith a-null ’s a-nall is… [MR:] Uaireannan, ’s e iteachan-chrann a bhiodh aca air na seann– [MM:] Na seann bheartan aig an àm. Siud a bh’ ann an uairsin. […] [BREAK IN TAPE] [MR:] […]. Bha thu an uairsin ga ghearradh agus bha pìos dhen a… bhiodh mu seicle an t-snàith air fhàgail anns na [thionndaileadhan/?] agus anns an t-slinn, agus ’s e fuigheagan a chanadh iad ris an t-snàth a bha sin. Cha robh math sam bith annta mura… cha robh iad gu mòran feum sam bith. [BREAK IN TAPE] [MR:] Chan ann ach giobal is corran, ach gum biodh thu… dhèanadh e trì cuibhlean aige cuideachd le […]. Oh bha dòigh shònraichte aca air obrachadh. Air a’ bheairteachadh airson— [BREAK IN TAPE] Tha alt eadar-dhealaichte air a chur air a’ chlòimh, ’s e gum biodh iad a’ dèanamh giobal is corran ach ’s e beartachadh a bhiodh a’ dèanamh sin. Agus… sùil-cuibhrige. Seòrsa ris an canadh iad, uill, anns a’ Bheurla, bird’s-eye. [MR:] Cha robh… cha robh mòran dhen chlò air a dhèanamh dhe Harris Tweed ach a-mhàin tartan fhèin. Bhiodh iad a’ dèanamh tartain. [MM:] Bhiodh dà shnàithle mu seach ann gu math tric aca, agus bhiodh uaireannan– [MR:] Ceithir snàithle mu seach– [MM:] Ceithir snàithle mu seach air… air an dlùth agus ceithir snàithle mu seach air a’ [chuairtear/?], sin a’ dèanamh, tha, tartan beag. ’S faod thu an tartan a dhèanamh cho beag na cho mòr ’s a b’ urrainnear. Bha rud eile aca a bhiodh iad a’ dèanamh anns a’ bheairt – drògaid a chanadh iad ris. Ach ’s e dlùth cotain a bh’ ann a shin, agus bhiodh iad a’… a’ cur an snàthad shìos eadar… snàth purple na rud sam bith air a chuir agus ga fhaighinn… ach bha an t-snàthad… [BREAK IN TAPE] [MM:] Bha cuid aca ga dhèanamh air an t-snàth dhrògaid. Ged, cha robh e cho tiugh ris a’… [MR:] Bhiodh iad [a’ cur sreathan ann/?]. [MM:] Bha iad uaireannan a’ dèanamh… a’ cur sreathan ann agus a’ dèanamh rud ris an canadh iad còtaichean striopach. [Laughter]. [BREAK IN TAPE] [Laughter and indiscernable conversation until 17:08] [MM:] Bha feadhainn aca, bhiodh iad a’ dèanamh clòthan uabhasach breàgha– [BREAK IN TAPE] [MM:] tha, colman uabhasach grànnda, bhiodh aca de dhathan grànnda, ’s bhiodh an clò an uairsin cho grànnda. […], fhuair e clò agus nuair a chaidh iad a-null [XX] thuirt e: “Seo a-nist, bheir sinn clò ann is bheir sinn dhan a’ bhoireannach e, mar gum biodh. Gu dearbh, chan eil e feumail.” “Dè an dath a th’ ann?” Dh’fhaighnich an tè a bha a’ bruidhinn. “Tha dà shnàithle de dhathan grinn is dà shnàithlean de chac is [XX].” [Laughter] [BREAK IN TAPE] [MM:] Nuair a bhiodh an clò deiseil dh’fheumadh e an uairsin a bhith air a nighe agus an t-armadh a bhith air a [XX] agus a bhith air a chur a-staigh. Agus, ’s e an dòigh air an robh iad ga chur a-staigh, bha iad ga chur air cliabh, ris an canadh iad cliabh-luaidh. [Laughter from FW] [MM:] Bhiodh ceathrar bhoireannach ann, mar bu trice, na sianar. [FW:] Sianar? [Laughter] [MM:] Bhiodh trì boireannaich air gach taobh dhen a’ chlèibh, agus bhiodh a’ chlò aca, bhiodh e air a’ chlèibh ann an [XX] sa mheadhan. Agus bhiodh iad ga chur am bogadh ann an tuba, agus mar bu trice ’s e am maistir is siabann a bhiodh anns an tubaidh airson gum beireadh e an t-armadh às. Agus ’s e, bhiodh iad treis ann ga luadhadh ’s a’ gabhail òrain. Bhiodh iad an uairsin a’ cur siabann aig a’ [tape trips], a’ cur siabann air air fad o cheann gu ceann. Agus… bha iad a-nise a’ toirt treis mhath air a luadhadh agus mhothaicheadh iad an uairsin siabann sin a’ copadh ’s dh’aithnicheadh tu gun robh an t-armadh a’ tighinn às a’ chlò. Agus… ’s e nuair a bhiodh iad a’ togail an luadh ’s e air a bhith a thoirt a-staigh gu… och, […] agus an uairsin a’ chlò a chur dhan a’ chlèibh agus, tha, a’ roileadh suas air cuithean agus bha iad a’ falbh leis dhan a [XX] agus ga shlacanaicheadh [XX] gus am falbhadh a h-uile sgàth dhen armadh le slatan mòra fiodha. Agus bha iad a’ [XX] an uairsin gus an deireadh– gus am falbhadh an t-uisg’ às leis fhèin agus bha iad ga thoirt a-nuas ’s ga chur air […]. Dh’fheumadh iad an uairsin a chur air a’ [choire/?] uair neo dhà gu math teth airson an rud a [XX] agus… a’ [bristeadh/?] an Harris Tweed, trademark’ a chur air agus a chur a… chrochadh air trì slatan. [BREAK IN TAPE] [MM:] Cothlamadh, ’s e sin a bhith ag obair air a’ chlòimh a chur ri feum airson aodach na stocainnean na… a dhèanamh dheth. [FW:] Seadh. [MM:] Dhèanadh i càrdadh, dhèanadh i cothlamadh. [BREAK IN TAPE] [MM:] Tha, bha a’ chuibhle-shnìomh, bha i na seasamh air trì chasan, bhiodh e ceangailte ri rud, ri maide ris an canadh iad stocan-cuibhle. Agus, bha rèim neo cuibhle-mhòr agus bhiodh an riathlainn a’ dol troimhe rud a… ris an canadh an acainn-mheadhain. Bha an acainn-mheadhain ceangailte le sliseag-mhaide ris an t-siol-choiseadh. Bha dà bhann air a’ chuibhle. Bha dà bhann air a’ chuibhle, bann beag agus bann mòr. Bha am bann mòr a’ dol timcheall air an rolan agus air an rèim agus bha am bann beag a’ dol timcheall air a’ phiùrna. Bha an t-seic neo snàthad na cuibhle a’ dol tron a’ phiùrna agus tron an rolan, agus bha seicle air uachdar a’ phiùrna, agus fiaclan ann. Agus bha an [XX] na laighe ann an cluas– ann an dà chluasag leathair. Bha cìoch na cuibhle na laighe air an stoc agus… am frèam anns an robh seicle ’s am piùrna ’s an rolan, tha, air an [uachdar/?]. O chionn fhada ’s e, mun tàinig a’ chuibhle, ’s ann le cuigeal a bhiodh iad a’ snìomh. [FW:] Oh seadh? [MM:] Pìos fada fiodh, coltach ri fearsaid. Agus… bha fearsaid aca, bior beag, airson nam biodh iad a’ cur dath an shnàithlean cuideachd airson fighe le bioran, gun [tionndaidheadh/?] iad iad timcheall, gun [tionndaidheadh/?] iad iad ’s gun cuireadh iad iad… timcheall. [BREAK IN TAPE] [Indiscernable conversation until 23.10] [UM:] Tha mi airson faighinn a-mach a dh’iarraidh a’ phìob. [FW:] […] [UM:] Aye, uill tha, barrachd air iomadh seòrsa pìob ann. Tha a’ phìob mhòr againn sa Ghàidhealtachd agus pìob Èireannach agus… tha barrachd eile ann cuideachd, de sheòrsa phìob, na ’s e a’ phìob mhòr air a’ phìob againne anns… anns a’ Ghàidhealtachd, an Alba. Agus, tha màl… gaothaire, ’s e mouthpiece, ’s e th’ ann an gaothaire, agus tha… feadan agus trì dosan. Aonan dos mhòr agus na dhà eile, ’s e an aon size a tha anns na dhà aca. Agus sin agad e, a’ phìob, a’ phìob mhòr a tha sinn eòlach air ann a sheo. Tha [t-sliathaidean/?] anns a– tha ribheid anns an fheadan agus tha ribheid anns na trì dosan. Tha ceithir ribheidean air fad anns a’ phìob mhòr. Shin agad e. [FW:] Cluich na pìoba? [UM:] Uill a’ cluicheadh na pìoba, tha a’ chuid mhòr a tha a’ cluich a’ phìob air a’ ghualainn as fhaisge air a’ phìob aca, chionn gun robh […]. Ach an-dràsta ’s a-rithist chì thu seòrsa de atharrachadh na pìoba mar a bha mi fhèin, agus ’s ann air [do [XX] dheis a tha e/?] chionns gun robh an làmh dheis aca an àrd. Ach, mar is trice ’s ann air an taobh ceàrr a tha daoine a’ cluich, a’ chuid mhòr a’ cluich na pìoba. Agus tha tòiseach– tòiseachadh a’ cluich an fheadain gus an tig iad suas ri feadan a chluiche […] air a’ phìob. Agus, tha gleusadh na pìoba coltach ris an t-uabhas ann an seòrsa cèol a gheibh thu […], mura h-eil e air a gleusadh dòigheil, mach à… chan eil an cèol tlachdmhor ann an dòigh sam bith. Agus tha gu leòr phìobairean a chluicheas co-dhiù ach nach eil uabhasach math air ghleusadh na pìoba, [XX] Dòmhnall Mòr [XX] fear dhiubh. Uhuh. [FW:] […] [UM:] Uill feumaidh tu na trì duis, feumaidh tu am faighinn ann an… chan eil mòran tone aig gin às na trì aca. A-nis gum feumadh thu nise… obrachadh air na slides, tha slides air na… air na duis. Agus feumaidh tu na slides obrachadh sìos neo suas gus am faigh thu iad… dìreach an seòrsa tone a tha thu ag iarraidh anns na trì airson ’s gu bheil an tone, ’s e an tone a th’ air– a’ tighinn air am feadan. Tha feadhainn aca gan cur nas sharper ’s feadhainn eile flat, nas flat. Agus tha e uabhasach, glè dhoirbh a bhith glèidheadh cinnteach gu bheil a’ phìob air a tionndadh agus air a ghleusadh, tha e gu math… gu math doirbh ceòl cho math air a’ phìob ’s tha còir agad a ghabhail. [FW:] Seadh, dìreach. [UM:] […]. Chan eil fios ’am dè… tha fhios gu bheil [Gàidhlig aige/?], ceart gu leòr. [FW:] Seadh, is a-nise a’ gluasad dhan na meòirean. […]? [UM:] Uill, a’ gluasad, uill, ma tha duine sam bith an dùil a bhith na phìobaire a tha rudeigin gleusta, feumaidh na meòirean aige a bhith gu math sùbailte. Chan eil meòirean rudeigin goirid, chan eil e… chan eil e gu mòran feum idir. Ach mar is fhaide na meòirean is mar is sùbailte a tha iad, ’s ann as fheàrr agus ’s ann as fhasa dha a’ phìob a chluiche. [FW:] Seadh, ’s chan eil facal àraid ann airson… mar a bhios tu gan cur […], ainmean àraid airson rudan mar sin? [UM:] Oh chan eil, chan eil. Fhios agad, ’s e tone mar, tuill anns fheadain [...] an fheadhain. Tone mhath, tone phuirt. ’S chan eil gu diofar cò an làmh a th’ agad gu h-àrd, ach a mhàin gu bheil làmhan gu h-àrd ’s chan eil thu ag ionnsachadh ach an òrdugh a bhith a’ strì leis na meòirean. Agus, a’ chlann aig Mìcheal, tha iad ag ionnsachadh… ceithir, tha iad ag ionnsachadh an òrdugh, tha iad ag ionnsachadh na ceithir. Including an tè bheag – Peigi. Uill chan eil … orm gach seòrsa ciùil, tha ceòl mòr, mar pibroch ’s e ceòl mòr a th’ aca air. Agus nam faigh sibh… march, strathspey, reel agus [XX], sin agad na puirt mar is trice a tha iad a’ cur air na pìob. [FW:] Seadh. [UM:] Uill, tha aon rud mu dheidhinn a bhith cluiche pìob, tha, feumaidh duine cumail gan cluiche agus a’ cumail ann am practice, air neo ma thu a’ stad dheth cluiche, fhios agad, a-mach à practice, chan eil ach na corragan agad a’ fàs cho stiff agus [XX] mar a tha còir aca a dhèanamh, cha dèan iad dhut e, a chionn, nise tha ceòl sam bith eile, tha e uabhasach furasta a dhol a-mach às a’ phractice [XX] mura h-eil thu ga chumail suas. [FW:] Siuthad ma tha, a bheil faclan sam bith eile co-cheangailte ri pìobaireachd? Facal agaibh airson dòighean-cluiche nuair a bhios sibh a’ cluicheadh luath na spreigeart na… facal mar sin agad? [UM:] Tha fhios ’am gu bheil. Tha gu leòr, gun teagamh, cuimhnich, tha gu leòr air a’ phìob, uabhasach fhèin– tha iad a’ cluich uabhasach fhèin math… tha mise air feadhainn a thoirt a-mach à leabhar agus an dèidh uile chluicheadh iad, Rhythm is Time, fhios agad? Ceòl fada na bu mhiona aca na feadhainn a chluicheadh leis an leabhar a chionn, bha dìreach an ceòl ann a shiud gu math nàdarra, cha robh iad ach a’ cluicheadh ‘by ear’, mar a their sinn. [BREAK IN TAPE] [MM:] Nuair a bheireas a’ bhò, ’s e ciad-bhainne a their sinn ris a’ chiad bainne a thèid a bhleoghainn bhon bhò, is tha e tiugh, buidhe. Is nuair a theasaicheas tu e, tha e a’ binndeachadh agus bidh a’ bhainne mar seo airson trì neo ceithir lathaichean. A-nis tòisichidh i air fàs geal. Bidh iad an uairsin ga shuidheachadh airson um, ìm a dhèanamh dheth ’s ga chur ann am miosar. Agus… faodaidh tu sin– bidh iad a’ cur buaireadh mar as trice air a’ bhoin air eagal gum bi breabadaich na ciceadh, gun cic i am bainne ’s gun dòrt i e, gum bi e air a dhòrtadh, ach tha cuid de chrodh ann ’s chan eil feum aca air buaireadh, seasaidh iad. ’S cuid eile dhen a’ chrodh a dh’fheumas fodar a bheireadh dhaibh neo mìn-choirce ann an cuinneag neo cha bhi iad air an dòigh nuair a tha thu gam bleoghann. Chan eil sin ach an cleachdadh. Nuair a tha a’ bhò air a bhleoghainn tha am bainne air a shìoladh ’s air a chur ann am miosar. Bho chionn fhada, ’s e miosar fiodh a bhiodh aca. ’S e, tha, miosairean a chanadh iad riutha agus ’s e cumain a chanadh iad ris a… an t-soitheach a bhiodh aca airson bainne a chur ann nuair a bha iad ga bhleòghainn. Nì mar, rud mar peile a bhiodh air a dhèanamh le fiodh agus… nuair a bhiodh am bainne air a shìoladh ’s air a chur anns a’ mhiosar bhiodh iad ga fhàgail airson ceithir uairean fichead gus an tigeadh an t-uachdar air gu math. Bhiodh iad an uairsin a’ togail an uachdair dheth agus ga chur ann an crogan. Agus am bainne a bhiodh aca, bhiodh iad a’ dèanamh gruth air, bhiodh iad ga phinndeachadh ’s a’ dèanamh gruth air. Agus… goirt. Nuair a bhiodh an t-uachdar aca air a chruinneachadh airson a dhà neo trì lathaichean, bhiodh iad an uairsin ga mhaistreadh. Agus bha iad a’ faighinn an uairsin crannachan, mar a bu trice crannachan-fiodha agus ghlanadh iad am fiodh às. Agus bha iad a’ glanadh ’s a’ sgùradh ach a’ chrannachain cho math ’s a b’ urrainn dha. Agus, bha iad an uairsin a’ cur an uachdar ann agus a’ tòiseachadh air a mhaistreadh. Bha iad sìos is suas ag obair leis an lonaid is feadhainn aca bhiodh iad a’ gabhail… duain aca nuair a bhiodh iad ag obair air a’ mhaistreadh. [FW:] Cuimhn’ agaibh air, orra sin? [MM:] Tha, fear dhiubh tha cuimhn’ ‘am, ’s dòcha nach eil e agam [XX] ach bha iad a’ cantainn: Thig è, thig ò, thig, thig an t-ìm ort, Thig e ri do ghaolag, Thig am buidhean, thig am baithean Thig e air a’ chùl-bhuidhe A chuireas a’ bhuidhean na [shiùbhlach/?] Tha glug an seo, tha glag an seo, Tha fiaclan mòra [XX] an seo– [laughs] Oh chan eil an còrr agam dheth ach bhiodh sin ac’, bhiodh sin aca. Feadhainn eile aig an robh rainn eile ach chan eil cuimhn’ agamsa. [FW:] Seadh. [MM:] Agus co-dhiù nuair a bhiodh iad ag obair air a’ mhaistreadh leis, thigeadh an uairsin– dh’fhalbhadh a’ bhlàthach agus an t-ìm ri chèile agus dhòrtadh iad dheth am blàthach agus ghlanadh iad an t-ìm gu math ann an uisge fuar agus salainn. Agus nuair a dhèanadh iad sin, bhiodh iad ga ghlagadaich gu math le… [MR:] Cairtean. [MM:] Cairtean gus an cuireadh iad às a h-uile sgàth dhen uisge. ’S uaireannan bhiodh iad ga roileadh le roilear fiodh airson an t-uisge a chur às. ’S an uairsin, nam biodh tu airson a chumail, bha iad ga [theirig/?] agus pàirt dheth ga fhàgail dhen ìm agus… bhiodh iad a’ dèanamh gruth air a, air a’ bhainne ghoirt a bhiodh aca ’s ga chur ann an, ann an sìoltachan. Agus nuair a… bhiodh iad ga chur air an teine an toiseach is nuair a bhiodh meang a’ tighinn às, agus tha, bha iad an uairsin a’ togail a’ ghruith gus a dhol tro na sìoltachan gus an sileadh a’ mheang às air fad. An uairsin bhiodh iad ga chur ann am mias agus… a’ cur salainn ann agus uaireannan sgreadagan agus ga thaosnadh gu math le làmhan agus ga chur air truinnsear gus am biodh e deiseil airson a chur air a bhòrd is… a ghabhail leis an teatha. [FW:] Uhuh. [MR:] ’S e sgreadag a chanadh tu ris an rud gheur a bha san uachdar nuair a bha thu ga chur don chrannachan. [FW:] Oh seadh, rud nach gabh òl. [MR:] Sgreadagan, oh ach bhiodh e uabhasach geur cha robh feum sam bith ga dhèanamh dheth. No. [FW:] Dìreach. [MR:] ’S uaireannan, nuair a bhiodh iad a’ sailleadh an ìm torr dhen t-Samhradh airson gum biodh e aca ri ithe fad a’ Gheamhraidh, bho chionn fhada. [BREAK IN TAPE] [FW:] Siuthad ma tha. [MM:] B’ e mo chiad chuimhne-sa, ’s e latha mòr a bh’ ann, latha buain na mòine. Bhiodh aon– sia sgiobaidh, na còig, co-dhiù aca ga buain na mòine. Bha sgioba a’ minigeach dithis fhireannach, fear a bhiodh mun iarann, fear leis an iarann a bhuaineadh na mòine agus fear a bhiodh anns a’ pholl gan sadadh a-mach. Bhiodh an uairsin dithis ann agus ’s e fear-feannaidh, bha fear ann na dithis a bhiodh a’ feannadh na mòine, na ga rùsgadh, a’ toirt dhi na sgràthadh a bha air an uachdar. Agus… a’chiad fhàd a bhuaineadh iad, cha bhiodh e cho, bhiodh e caran bàn. Ach mar bu doimhne a bhiodh iad a’ dol anns a’ pholl ’s ann a bu… bu duibhe a bha iad a’ fàs agus ’s e am barrad a chanadh iad ris a’ chiad fhear agus ’s e an caoran a chanadh iad ris an fhàd mu dheireadh. Bhiodh uaireannan ceithir fòid a’ tighinn às an aon pholl dhoimhne. Nuair a bhiodh i na sgaoileadh air an roinn ann a shin airson ceala-deug, thòisich iad an uairsin gan coilleagachadh, rud ris an canamaide coilleagachadh, ’s e sin a’ cur còig fàd, fàdan cuideachd, ceithir an toiseach agus, an tacsa ri chèile agus fear air a’ mhullach, agus bha e a rèir na t-sìde, nam biodh t-sìde math ann, ’s dòcha ann an ceala-deug eile gum biodh iad an uairsin a’ cnuachdachadh. ’S tharraingeadh iad an uairsin a h-uile [XX] tiormachadh i… a’ toirt dhan an fhad ’s bha iad a’ dèanamh na cruachadh. Thòisich iad le fàdan matha air a’ chruach a thogail agus a’ mhòine thioram a’ dol na broinn agus mòine, na fàdan, na fàdan a b’ fheàrr ‘shape’, bha iad a’ dol dhan a’ ghnìomhadh, is bhiodh iad a’ gnìomhadh suas airson an dòigh ’s gum falbhadh an t-uisge dhi. Agus bha iad an uairsin, nuair a dhèanadh iad an cruach, bha iad a’ cur sgrathan orra airson nach deidheadh an t-uisge na bhroinn, chanamaid dha tugha, le sgrathan is uaireannan chuireadh iad na sgrathan sìos taobh na cruaiche. [MR:] ’S e iarann-mònadh a chanas sinne ris an inneal a bh’ aca ann a sheo a’ buain mòineadh, ach ann an àiteachan eile canaidh iad an tairsgeir ris ach, ’s e… aona sgiath a th’ air agus gearraidh e am fàd dìreach ceithir-oiseanach. Uill, agus… tha duine anns a’ pholl, fireannaich, ’s ga shadadh a-mach. [FW:] Tha, dìreach. [MR:] Bha iad ag ràdh gun robh còir a’ mhòine a chur suas mar a bhiodh i tighinn às a’ pholl, eadhan nuair a bhiodh iad a’ togail an teine, gun robh còir agad am fàd, am pàirt a bha shìos dhen fhàd a b’ fhaisge air ùrlar a’ phuill, gur e a bha còir agad a chur na sheasamh an toiseach air an teine. [FW:] Tha mi tuigsinn. [MR:] ’S gun gabhadh e na b’ fheàrr. Shin agad e ma tha… [XX] gu leòr air a’ mhòineadh ach bhiodh iad ann an cruach a’ dèanamh rùdhan. ’S e sin, bha iad a’ cur tòrr dhan a’ mhòineadh cuideachd ach bhiodh iad ga cur, bhiodh iad ga cur an-còmhnaidh suas agus an taobh a bha… gu h-ìosal anns a’ pholl dhen fhàd, b’ e sin ris an talamh suas [XX] mar a bhiodh iad ag obair. [XX] [FW:] Seadh, ’s am biodh iad gan toirt dhachaigh ann an cliabh? [MR:] Bhiodh iad gan toirt dhachaigh ann an cliabh neo ann am poca. [BREAK IN TAPE] [MM:] Maorach, faochagan, bàirnich, eisirean, [MR:] Feusgain– [MM:] Feusgain. Cum thusa a’ dol, feusgain… agus… muirsgean, coilleagan, agus… [MR:] Cnòdain. [MM:] Cnòdain, faochagan mòra, sin? Cnòdain agus… cuiteagan, ‘cowries’. [MR:] Bàirnich, an tuirt thu bàirnich? [FW:] Thuirt. [MM:] Mùsgan is… [FW:] An e mùsgan is muirsgean an aon rud? [MM:] Chan e ach muirsgean is mùsgan, chan e. Canaidh sinne mùsgan air na coilleagan. [FW:] Oh seadh? Cha chanadh sibh coilleagan an seo idir ma tha? [MM:] Breallaich. Breallaich, oh seòrsa eile… tha iad nas motha na na coilleagan. Is nas duilich, fhios agad, nas… chan eil iad cho corrach ri na coilleagan. Agus… tha faochagan geal eile ann ach […] ainm [XX] idir ach na creagan. Tha nise, portan agus… [MR:] Crùbagan. [FW:] Dè? [MR:] Crùbagan beag uaireannan agus… shìos, shìos, fada shìos nuair a bhios an tràigh fada a-mach, gheibh thu cragan-feannaig. [FW:] Dè seòrsa rud a tha sin, cragan-feannaig? [MM:] Sea urchin. [FW:] Oh seadh. [MM:] Uill ’s e sin as fhiosrach dhomhsa a th’ annta. A’ tighinn ann am faochagan, chan eil thu ach, gheibh thu iad am measg na feamaid, an fheamainn dhubh, agus bidh làthach mar as trice fon an fheamainn agus… Bidh iad ann a shin [an t-siubhail/?], am measg sin ’s chan eil agad ach an togail. Agus na bàirnich, tha iad cho daingeann ris a’ chreig agus gun fheum thu, tha, rud [sgeilp/?] na rudeigineach mar sin, sgian fhaighinn agus òrd neo chan fhaigh thu rèidh dhan a’ chreig e. [MR:] Feusgain air an slaodadh– [MM:] Feusgain, chan eil agad ach an slaodadh, dìreach gan togail ‘off’ far a… bidh iad a’ còmhnaidh am measg nan creagan ’s far am bi sruth, bidh iad ann a shin. Uaireannan eile bidh iad sa ghainmhich ’s anns an làthach cuideachd. Ach chan eil agad ach an togail dìreach gan [XX] ’s gan togail. Tha an eisir gu math doirbh ri faicinn, tha i cho coltach ris na creagan a tha timcheall oirre ’s gun fheum thu dìreach do shùil bhith beachdachadh gu math air a h-uile àite feuch an lorg thu iad. [MR:] Creachann, nach eil creachann– [MM:] Creachann, a-niste, oh cha do chuimhnich mi air na creachann. Bidh iad… leis a’ chreachainn ag obair, bidh rud aca is… lìon, fhios agad, [gaff/?]. Agus slat fhada is nuair a chì iad an creachann a-muigh chan eil e uair sam bith air tìr. Faodaidh e a bhith glè fhaisg air tìr uaireannan– [MR:] Tha iad an-còmhnaidh anns an uisge. [MM:] ’S ann anns an uisge a tha e agus nuair a chì iad e san uisge cuiridh iad sin… lìon a tha sin fodha is togaidh iad suas e leis a… leis a dh’fhad tha sin dhan an eathar. [MR:] Bhiodh iad a’ strì leis an fhad. [MM:] A’ trusadh anns a’… [MR:] Uill, na coilleagan. [MM:] Na coilleagan, gheibh thu iad anns a’ ghainmhich ach feumaidh tu… a chur air muin a’ [XX] agus… na muirsgean, feumaidh tu [spaid/?] air a son thig iad cho clever. Chì thu… [MR:] toll anns an [àrdan/?] [MM:] …anns a’ ghainmhich is, tha, feumaidh tu dèanamh orra cho [XX] leis an rud, leis an spaid neo bidh iad sìos, ’s chan fhaigh thu greim idir orra. [FW:] Seadh. [MM:] Neo faodaidh tu am bristeadh mura bi thu clever gu leòr. Agus tha feadhainn eile ann a bhios, chì thu toll anns a’ ghainmhich agus chì thu iad a’ cur a-mach uisge, tube ann is cuiridh iad a-mach uisge às an tube sin agus aithnichidh tu an uairsin gu bheil… gu bheil am mùsgan ann a shin agus tha thu an uairsin a’ dèanamh air le spaid na le troch na rud sam bith a tha dol ga fhaighinn suas. [BREAK IN TAPE] [MM:] Anns a’ chladach, a’ chiad fheamainn a bhios aige shuas, ’s e feamainn chìrean a chanas sinn riutha. Agus uaireannan as t-samhradh bidh iad a’ buain sin agus ga bruich agus ga toirt dhan a’ chrodh còmhla ri min-choirce, ’s iad ag ràdh gu bheil e glè mhath dhan a’ chrodh. A-nise feamainn dhubh ann, ris an can sinn feamainn dhubh agus gheibh thu feamainn eile is dath buidhe oirre is… [MR:] Am measg buige– [MM:] Am measg buige air choireigineach, builig oirre. Tha, air an fheamainn bhuidhe tha builig ’s tha iad làn uisge ach air an fheamainn bhuidhe tha, chan e uisge idir a th’ ann anns na builig oirre ach– [MR:] Rud bog eile. [MM:] Rud bog eile, shin agaibhse. Agus, nise, nas fhaide na sin a-mach gheibh thu seòrsa de langadal mun cuairt ach, an langadal ceart, tha e a-muigh air na sgeirean ann an àite, an àite fiadhaich a-mach air grunnd fiadhaich am measg nan sgeirean. Fada, uill, pìos a-mach, agus tha e gu math fada shìos, tha e na shlathan agus na stiallan mòra fada– shlatan, stiallan mòra fada, agus bidh iad ann a sheo. Bha, b’ àbhaist dhaibh a bhith ga bhuain ’s ga chur air a’ choirce ’s ga chur beagan dheth bhith ga chur còmhla ris an fheamainn dhuibh dhan bhuntàta. Agus nuair a bhiodh iad a’ buain na feamainn dhuibh ann a sheo bhiodh iad ga fàgail air tìr gus am fàsadh i teth, gus am– cha bhiodh iad a cur gu feum idir cho luath ’s a, cho luath ’s a bhuaineadh iad i – dh’fheumadh i fàs grod. [FW:] Oh seadh. [MM:] Agus… chionns cha dèanadh i feum sam bith anns an t-seòrsa talamh– talamh ann an [XX] nam biodh i ùr. Agus bhiodh iad a’ cur anns a… nuair a bhiodh iad a’ cur a’ bhuntàta bhiodh iad a’ cur sreath mu seach dhen fheamainn agus bìdeag de langadal air a h-uachdar agus an uairsin sreath bhuntàta. Sin mar a bhiodh iad a’ cur a’ bhuntàta ann a sheo. Agus tha a-nise rud eile ann, gheibh e fàs a-muigh, a-muigh air na sgeirean far a bheil… rud ris an can iad gruaigean. [FW:] Is dè a-nis tha sin? [MM:] Agus… stiallan fada agus shaoileadh tu gun robh frill air gach taobh dhiubh. Agus am pìos a tha sa mheadhan dheth, ghabhadh e ithe nuair a bhiodh am frill a bha sin dhiubh. Agus, tha e a’ fàs– far a bheil e fàs, fàs anns a’ chreag, tha stiallan beaga eile a-mach às a sin agus sin mircean a chanas iad riutha, agus gabhaidh iad ithe cuideachd. [MR:] Uabhasach math ri ithe. [FW:] Milis? [MM:] Bhiodh. Tha iad glè mhath ri ithe. Gabhaidh… rud, tha… an langadal sin ithe. Agus, tha a-nise caraicean ann. E fhèin a’ fàs air grunnd fiadhaich, bha e fàs a-muigh air cladach fiadhaich, bu chòir dhomh a ràdh. Agus… bidh iad ga bhuain agus ga thiormachadh… [MR:] ’S ga thobhadh. [MM:] ’S ga thobhadh agus nì iad… nì iad biadh leis. Pudding. [MR:] Nì iad pudding. [MM:] Agus tha a-niste… […] Cuir dheth e. [MM:] Uill, tha an duileasg cuideachd, bidh iad ag ithe sin ’s ga bhuain as t-samhradh. Agus tha dà sheòrsa ann – tha fear bàn ann agus fear dubh. Leis am fear bàn, tha e nas [milise/?] na am fear dubh. [FW:] ’S dè bhios iad a’ dèanamh leis an fhear seo? Càit’ am bi– [MM:] Oh cha bhi iad ach ga bhruich. [XX] mar a tha e ach, bidh uaireannan a bhios iad a’ dèanamh, bidh iad ga chur– bhruich còmhla ri feòil mar càl, dìreach ga chur ann an soup agus ’s e càl-duilisg a th’ ann. Sguir iad ann a sheo a’ dèanamh sin bho chionn fhada ach… chan ann ach anns na [XX] a’ fàs. Chan eil mòran iasg anns a’ chladach… tha iasgan beag ann a gheibh thu, ’s e donnagan a bhiodh againne orra. Coltas shape ri bodach-ruadh ach gu bheil iad donn agus… tha iad beag. Furasta gu leòr gam faighinn anns a’ chladach. Agus, bha iasgan eile ann, ’s e a’ chlaimheag a bhiodh againn orra. Bha iad sin, bheireadh tu orra is bhiodh iad a’ breabadaich agus iad… [MR:] Bha iad cho luath! [MM:] Cho luath agus… bhiodh iad ag ràdh gur e sìol nan langa a bh’ ann ach chan eil mi cinnteach às a sin idir, ach ’s e siud a bhiodh iad ag ràdh an uairsin. [FW:] Seadh. [MM:] Agus… tha rud eile anns a’ mhuir, sea anenomes, ciochan dearga, bidh iad a’ fàs fhathast anns na creagan ’s tha iad bog is… [MR:] Ciochan a’ chladaich. [MM:] Ciochan a’ chladaich a bhiodh iad ag ràdh. [BREAK IN TAPE] [MM:] ’S e feamainn-shiabaidh a chanadh iad ris an fheamainn fhuasgailt’ a thigeadh air na lòin mhòr an uair a bhiodh a’ ghaoth air aghaidh a’ chladaich, thigeadh an fheamainn, tòrr, uaireannan thigeadh tòrr dhen fheamainn a-staigh. Uaireannan eile, taobh… air taobh an iar na Hearadh, far a bheil a’ ghainmheach ann a shin agus An Cuan Siar cho làidir, bhiodh langadal air a bhristeadh a’ tighinn air tìr ann agus ’s e bragar a chanadh iad ris. Agus bhiodh iad a’ cur sin suas agus… o chionn fhada co-dhiù, agus ga chur air an talamh ’s a dèanamh todhar dhi. [FW:] Aye. [MM:] As t-Earrach nuair a bhios [XX] mhòr ann, bidh iad a’ dol às dèidh na madaidh, feusgain mhòr a tha a’ fàs shìos aig beul… uill, tha iad, nuair a bhios an làn a-muigh fada, fada, a’ mhuir a-muigh fada, fada, gheibheadh iad an uairsin, chan eil agad ach an togail. Agus… ach chan fhaigh thu iad a h-uile turas a thig i. Bidh iad a’ cur air feum feusgain agus bàirnich airson maoirneach nuair a bhios iad a’ dol a dh’iasgach. Agus, bhiodh iad a’ slaopadh na feusgain, bhiodh iad a’ dòrtadh uisge goileach air agus ga chrathadh ann am mì– ann am peile gus am falbhadh na sligean ’s am maorach ri chèile agus bhiodh iad an uairsin a’ falbh leis agus slat agus a’ dol a dh’iasgach chudaigean na saoidhean na rud sam bith a gheibheadh iad. Agus nuair a chuireadh iad am friasg a-mach, bhiodh iad ga chagnadh neo chuireadh iad a-mach e, thòisicheadh na cudaigean air tighinn chun na creige nuair a bhiodh iad ag iasgach. ’S nuair a gheibheadh iad toradh mu na cudaigean a chìtheadh iad, uaireannan bhiodh an t-uabhas dhiubh, ’s dòcha gur e tàbh a bhiodh aca, tha, lìon mòr air an rèim– [MR:] Cearcall. [MM:] Cearcall mòr, cruinn, agus chuireadh iad an tàbh a-mach, bhiodh– bha làmh fhada anns an tàbh, bhiodh… chuireadh iad an tàbh a-mach agus gheibheadh iad gu na cudaigean agus dhèanadh– thòisich iad a’ dèanamh friasg a-rithist ’s ga chur a-mach ’s chìtheadh iad tòrr chudaigean a’ tighinn air beulaibh, gu beul– gu broinn an tàibh, thogadh iad an uairsin an tàbh ’s bhiodh steall mòr chudaigean aca. [MM:] …chanadh iad, nuair a tha e làn, nach eil e, nach eil a’ mhuir a’ dol a-mach fada. Amannan, cha bhi e a’ dol a-mach uabhasach fada agus… bidh e a’ lìonadh ’s a rèir mar a bhios a’ ghealach ag obrachadh bidh an làn a rèir sin. Bidh. ’S iomadh uair a chunnaic mi as t-Fhoghair, gum faigheadh daoine sòrnan air a’ chladach. [FW:] Dè bh’ ann an sòrnan? [MM:] Sòrnan, iasg ris an canadh iad an sòrnan – the ‘ray’. Agus… bhithinn a’ cluinntinn gur ann nuair a bhiodh an grùthan air tìr-mòr ann, bhiodh e a’ tighinn gu tìr ’s chan fhaigheadh e mach. Bhiodh e ann a shiud air a’ chreag agus sòrnan, glè nàdarra, cha bhiodh càil ceàrr air. Is nan deidheadh tu sìos gheibheadh tu e ’s dh’fhaodadh tu […]. [FW:] Seadh. Bha sibh eòlach air iasgach– [MM:] Uill, mar a bha an t-iasgach, tha dòighean ùr aca an-diugh. Ach nuair a… bho chionn fhada, ma tha cuimhn’ agam bhiomaid a’ dol a-mach is slatan– trì slatan an dèidh an eathar agus daoine ag iomradh na h-eathair agus… bha an t-iasgach, bha e a rèir mar a bha an duine ag iomradh. Mura robh an duine ag iomradh ceart, na ma bha e ro luath, fhios agad, chan fhaigheadh– ’s dòcha nach beireadh an t-iasg air an eathar. Dh’fheumadh e a bhith a’ dol gu math. Chan fheumadh e a bhith ro luath… [CLOCK CHIMING OVER CONVERSATION UNTIL 52:50] Bhiodh an uairsin smalag na saoidhean air an t-slat agus uaireannan bhiodh an liùgha. Uaireannan eile, nam biodh e paillt, gheibheadh tu gu leòr rionnaich air an t-slat. [MR:] ’S e madhair a bhiodh againn. [MM:] ’S e madhair a bhiodh againn. [MR:] […] clòimh uaireannan. [MM:] ’S e bìdeag chlòimh air a chur air dubhan, agus dh’fheumadh e a bhith uabhasach math air a dhèanamh. Nam biodh e ro mhòr, cha ghabhadh an t-iasg idir e. Agus uaireannan bhiodh iad a’ cur rud beag de shnàth dearg air… rud beag bìodach, air a’ mhadhair airson gun tàladh e na liùghan. [XX] na liùgh. Tha mi smaoineachadh, mar bu trice, nuair a bhiomaid ag iasgach bhiomaid a’ dol a dh’àite agus nuair a gheibheamaid liùgh, chaidh mi mach an uairsin… far a bheil aon liùgh a th’ air [XX], tillidh sinn air n-ais agus gheibh sinn an tè eile, agus mar bu trice thachradh sin. Nuair a thilleadh tu, gheibheadh tu liùgh– tè eile. [MR:] Bha fuadragan aca. [MM:] Bha fuadragan aca cuideachd airson na liùghanan, ach bha iad sean. ’S e rubair a bh’ annta, a bha iad air an dèanamh. Ach, gheibheadh tu rud as a’ chladach, rud ris an canadh iad [glugaman/?] agus bha iad ga cur air dubhan cuideachd ’s bhiodh e a’ toirt [XX] fuadrag. Ach ’s e fuadrag rubair a bu handy… agus nuair a thèid thu fada a-mach, gheibh thu, gheibh thu ann a sheo, gheibh thu liùghanan gu leòr, rionnach, rionnach. [FW:] Mhm. Sgadan? [MM:] Chan fhaca mi sgadan riamh [XX]. [FW:] Ist? [laughs] Am biodh iad a’ gabhail òrain is rudan mar sin nuair a bhiodh iad ag iomradh na? [MM:] Oh cha chuala mise iad a’ gabhail òrain riamh nuair a bha iad ag iomradh. [FW:] Nach cuala? [MM:] Cha chuala, cha chuala. [BREAK IN TAPE] [MM:] –iasgach air an dubh-bhreac, an dubh-breac, mar bu trice ’s e poiteagan a bh’ aca is gheibheadh iad là dorcha bhiodh iad a-mach ann a sheo. Cha faigheadh iad… dè an t-ainm a th’ air? Dubh-breac, bric. Uaireannan, nam biodh tu, can na gheibheadh tu [salmon/?] beag na coildhteag. ’S e coidhteag, chan e coidhteag, donnag ’s e a bu chòir dhomh a ràdh – ’s e sin sea trout. Bha iad a’ faighinn iasg anns a’ ghainmhich, anns na fadhlaichean, ’s e sìoltagan a bh’ aca orra. ’S e corran a bhiodh aca gan togail às an uisge. Bha iad cho luath, bhiodh iad a’ teannadh cho luath is mura biodh tu… clever, chan fhaigheadh tu idir iad. [MR:] Dath an airgid a a bh’ orra is cho geal ’s cho [fial/?] is… [MM:] Bha iad cruinn, caol. Fadhail, tha seòrsa de shruth a gheibh thu, fadhail, sruth a gheibh thu anns a’ ghainmhich uaireannan. Chì thu sruthanan anns a’ ghainmhich, nach fhaic? Nach ann? [MR:] ’S ann. [FW:] Seadh. [MM:] Faisg air a sin co-dhiù. Uaireannan nuair a bhiomaid ag iasgach is gheibheamaid bodach-ruadh. [MR:] An e sin an carran-creige? [MM:] Chan e, chan eil an carran-creige ach beathach beag grànnda eile ’s e làn biorain. Agus nuair a gheibheamaid an carran-creige shadadh a-mach air a’ mhuir. Agus… [FW:] Bheil sibh a’ faighinn adagan? [MM:] Cha bhi. Chan eil an adag ann a sheo ann mura tèid thu mach, a-mach chun na banca a-muigh. Gheibheadh tu an adag ann a shin ach… ach tha e cho fada air falbh ’s nach bodraig daoine a dhol ann… [FW:] Oh seadh. [BREAK IN TAPE] [MR:] [...] agus a’ dèanamh deiseil airson maragan a dhèanamh. Tha iad a’ glanadh a’ mhionaich ’s a’ toirt an toiseach an caolan às. Agus tha iad an uairsin a’ faighinn uisge teth na, nam biodh e uabhasach teth, uisge blàth agus [...] de nigheadaireachd ann. An uairsin a’ glanadh– a’ cur a’ mhionaich ann a shin agus tha gàmhan de chraiceann ghrànnda, salach air a’ mhionach a dh’fheumas a bhith air a sgrìobadh dheth le sgian. Agus tha iad ag obair air a sin gus an dèan iad cho geal cho breàgha e is… tha iad a-nise, tha iad a’ gearradh na caolain ri chèile gun teagamh mus tòisich iad air na maragan. Feumaidh iad, tha maodal mhòr, ’s tha stamag, ’s tha currac a’ rìgh is… na caolain air fad eile. Tha caolain mòr fada ann, ’s e – dè a-nis a bhios iad a’ cantail ris ach [XX], tha snàithle. [MM:] Snàithle. [MR:] Snàithle. Bha iad uair a’ dèanamh marag dhen an fhear sin cuideachd ach… tha iad air sguir dhen a’ chleachdadh sin a-nise. Agus… bheireadh e, mionach air a ghlanadh gu math, bha iad a’ faighinn basaidh agus a’ cur ann [puill/?], agus bha iad… [puill/?] nan caorach. Bha iad an uairsin a’ bristeadh na, tha, na geir, bìdeagan beaga a dhèanamh cho pronn ’s a ghabhas ’s ga chur anns an fhuil, ’s dòcha gun fheumadh rud beag sallainn ann, ’s a’ cur uinneanan ann is… dol an uairsin a chur dà chupa de mhin-ghrùthain ann agus cupa de mhin-choirce agus bha thu a’ cur sin mun cuairt, bha e ann an [tramasgalag/?] agad an uairsin ’s bha thu a’ cur sin dhan a’ mhaodal mhòr. [FW:] Dhan a…? [MR:] Mhaodal mhòr. Agus nuair a gheibheadh tu sin ann a’ mhaodal mhòr bha thu dol a dhèanamh snàthad. Agus ga stobadh le snàthad mhòr gus nach deidheadh tuill ann, gus nach spreadhadh a… tha, a’ mharaig às a’ phrais. [MM:] [...] [MR:] Agus bha thu a’ cur uisge, bha uisge deis agad anns an treis agus… deis anns an treis, agus [...] caolain ghoil a bhith air a’ mharaig. Agus bha a-nise stamag ann. Bha thu a’ cur, a’ lìonadh an stamag agus currac a’ rìgh, ’s e min-choirce mar a bu trice a bha iad a’ gabhail, ’s e poca beag a bh’ ann. ’S e rud eile ann am pocan beaga [XX] ann am pleatan, mar gum biodh pleatan an fhèilidh. Agus cha robh thu a’ cur càil na bhroinn sin ach… ach ga bhruich ’s ga ithe, bha e math gu leòr airson ithe. Caolan, caolain eile ga dhèanamh an àrd le… min-fhlùir is a’ cur siùcar is geir is… currants uaireannan ann. Bha iad sin uabhasach math cuideachd. [BREAK IN TAPE UNTIL 59:34] [MM:] Bha pàirt dhe na caolanan, bhiodh iad gan tilgeil air falbh, bha iad cho caol, cha robh rudan nam broinn ann, còmhla ri [XX], bha iad gan tilgeil air falbh. [FW:] Oh seadh. [MR:] Fuine. [FW:] Seadh. [MM:] Tha, a’ dèanamh fuine, a’ dèanamh sgonaichean le min-fhlùir ’s e as trice a dh’iarrainn dèanamh, agus tha thu a’ faighinn mìn-fhlùir agus… a’ cur soda, ’s cream of tartar ann, ’s e sin uile ’s bhiodh iad ga chur [air fhèill/?] ann a shin agus a’ dèanamh sgonaichean. Agus tha thu ga chur… mabain agad tha thu ga chur dhan a h-uile bainne ’s dhan a… oh cha robh e uabhasach bog idir. Agus tha thu an uairsin a’ faighinn fàileadh às a… ’S e sin pàirt dhen a’ mhin-[gheire/?] agus… ga obrachadh pàirt dhen a’ mhin-[gheire/?] a bha sin far am faigh thu obrachadh ceart mar is math leat. [MR:] Ga thaosnadh. [MM:] Ga thaosnadh an uairsin air clàr-fuine ga ghearradh is ga chur a-mach na bhonnach cruinn na dòigh sam bith eile a bhiodh thu ga iarraidh. Ga ghearradh le sgian ’s ga… dèanamh sgonaichean dheth na dh’fhaodadh tu sgonaichean cruinn a dhèanamh is a chur air, faodaidh tu chur dhan àmhainn na ga chur air grideal na air pana. ’S nuair a tha iad bruich, gan togail ’s gan [greimicheadh/?]… Aran-coirce, a-nise, bha uair bho chionn fhada ’s e a … bha iad a’ dèanamh aran-coirce, dhe mo chiad chuimhne-sa, cha bhiodh aca ach a’ mhin-choirce agus an t-uisge. Agus bhiodh iad a’ feuchainn ris… cho beag dhen uisge a chur dhan mhin-choirce ’s a ghabhadh, ach aig an aon àm, a dhèanamh gu math tana, a chur a-mach gu math tana agus son ga chur air [brand/?] air aghaidh an teine, bhiodh iad agus ga bhruich mar sin gus am fàsadh e cruaidh. ’S bha e uabhasach math cuideachd. [FW:] Bonnach-boise… [MM:] Nise bonnach– och, cha bhiodh sin aca ach nuair a bha mi nam chaileag bho chionn fhada, chan eil cuimhn’ agamsa air biadh. Bhiodh iad a’ dèanamh bonnach-boise le mhin-choirce, dòcha gun cuireadh iad siùcar ann agus dhèanadh iad bonnach beag ’s e tiugh. Agus nam biodh iad a’ dol fada air falbh, fad an latha, iad gu bhith air falbh fad an latha is biadh a bhith aca na bhiodh iad a’ dol… bheireadh iad leotha bonnach-boise. Chumadh sin tu… chumadh sin an t-acras dhiubh, chumadh sin air ais e. [BREAK IN TAPE] [MM:] Bhiodh cuibhle-[XX] fhada anns a h-uile taigh mu shia troighean a dh’fhaid agus… Bhiodh sèithrichean fiodha ann agus suas, nan cuireadh tu… sèithear ris an canadh iad sonnag air a dhèanamh le… le baraill. [FW:] Ris an canadh iad…? [MM:] Sunnag. [FW:] Sunnag. [MM:] Air a dhèanamh le baraill, pàirt dhe air a ghearradh. An dàrna leth air a ghearradh ’s e dol air cùl a’ bharaill– [FW:] Tha cuimhn’ agam gum faca mi fear a bha aig nàbaidh a bh’ aig mo mhàthair… [MM:] Uhuh. Agus sèithrichean agus… giurnalair, sin àite far am biodh iad a’ cumail, ghabhadh e bobhlan-mine. Dà– bobhla min-choirce is bobhla min-fhlùir. [FW:] Is dè seòrsa rud a bh’ ann? [MM:] Ciste. Ciste mhòr. [FW:] Oh seadh, tha mi a’ tuigsinn, uhuh. [MM:] Agus… bha dreasair anns a h-uile taigh. Bhiodh na… bhiodh na saoir– uill na feadhainn a bha math air saoirsinneachd anns a’ bhaile a’ dèanamh… mar bu trice ’s ann aig, aig an dachaigh, cha robh baile sam bith an uairsin gun fearaigean a dh’obraicheadh le fiodh agus a dhèanadh saoirsinneachd. Bhiodh iad a’ togail eathraichean ’s a h-uile càil a dh’fheumadh iad, cha robh fiodh neo càil aige aig an dachaigh… Uill, na leapannan a bh’ aca, ’s e leapa– [MR:] Dè chanadh tu riutha? [MM:] Leapannan–dùinte, ris an canadh iad sa Bheurla ‘box-beds’. Bha a dhà anns gach, mar bu trice, anns a h-uile rùm, agus… bha iad dìreach mar [XX] bha ceithir [XX] orra, nach robh? Na trì [XX]. Agus [mic being moved]. [FW:] Seadh, tha mi duilich mun a siud. Cùirtearan-dubha an toiseach. [MM:] Cùirtearan-dubha, agus bheireadh dithis anns a h-uile leabaidh. Uaireannan ’s dòcha gum beireadh triùir. [MR:] […] [MM:] Bhiodh [XX] ’s iad làn [XX] neo […]. [Cathair…/?] [MR:] [Cathair seach…/?] [MM:] ’S e sin a bhiodh annta. Sin uabhasach blàth […]. Sin agad mar a… [MR:] Bhiodh preasaichean aca. Bhiodh preasaichean aca ’s bhiodh, uaireannan, bhiodh iad a’ cumail nam miosraichean bainne annta air sgeilpichean. [MM:] Sgeilpichean annta ’s na… a’ cur nam miosraichean bainne annta ’s biadh. [Stool/?] aca cuideachd, bhiodh, [stool/?] bheaga fiodh agus… oh a h-uile càil aca a bha feumail ann am broinn taighe mar sin. [MR:] Bhiodh. [MM:] Bhiodh bòrd aca airson biadh ithe… ’s dòcha barrachd na aon bhòrd anns an taigh cuideachd. Bha [XX] cuideachd airson na nigheadaireachd. Tubannan aca airson a bhith a’ nigheadaireachd ’s bhiodh iad a’ dèanamh na tubannan le baraillean… casgaichean baraillean ’s gan gearradh ann an dà leth. [FW:] Oh seadh. [MM:] Na baraillean– casgaichean barailean an uairsin air a dhèanamh le fiodh ’s bha iad cho paillt, cha robh daoine a’ losgadh an còrr ach am baraill. [FW:] Luidhear? [MM:] Seadh, luidhear, cha chreid mi nach e vent an t-simileir a bh’ anns an luidhear. Bha similear [crotail/?] aca, bha bòrd a-nuas air a h-uile [XX] airson gun deidheadh a’ chèo a-steach dha na… a-steach am broinn an t-simileir a bha sin, seòrsa de shimilear agus gun deidheadh e a-mach suas air an luidhear. [FW:] Oh seadh. [BREAK IN TAPE] [FW:] ’S dè bhiodh am spàrr– [MR:] Spàrr-gaoitheadh a chanadh iad ris an… fear a bhiodh, na ceanglaichean a’ tighinn a-mach bhon tugha aig ceann taighe, na taighean-dubh a bh’ ann bho chionn fhada. [FW:] Oh seadh. [MR:] Spàrr-gaoitheadh a chanadh iad ris. [MM:] Bhiodh… clòdhan. Sin aon rud a dh’fheumadh a bhith anns a h-uile taigh. Clòdhan airson, tha, na h-èibhleagan a thogail agus an teine a chumail air dòigh. Sguaban-fraoich aca cuideachd, sguaban-fraoich aca a dhèanadh am fraoich airson an t-ùrlar a ghlanadh. Sguab. [FW:] Seadh. [BREAK IN TAPE] [FW:] Aimlisgeach? [MM:] ’S e, aimlisgeach. [FW:] Luath-aireach. [MM:] Luath-aireach. Uill, luath-aireach, chanadh tu ri… ri leanabh a bhiodh doirbh a bhith aig fois, doirbh dha a bhith na thàmh, theireadh iad ‘luath-aireach’. [FW:] Bhiodh aimlisgeach, bhiodh e na bu mhiosa na sin? [MM:] Aimlisgeach, a-nise, is more… mar gum biodh, mischief. Shin agad, uill, mìle marbhaisg air gaol an [XX], gur mòr an aimlisg a rinn e dhomhsa, thug e orm gun do phòs mi an ceann, […] a bheir mi pòg dhi. [Laughter] [BREAK IN TAPE] [MM:] Making faces, twisting your face. [FW:] Dream a’ chraoisein? [MM:] Dream a’ chraoisein. Chuir thu dheth e. [FW:] Cha chur mi dheth e. ’S e rud a thuirt am balach beag a bha sin a bha sibh a’… [MM:] ’S e. [FW:] ’S e, tha i a’ cur dream a’ chraoisein orm? [MM:] Orm, mhm. Chuala mi iad, nuair a bhiodh iad a’ cronachadh chloinne bho chionn fhada, bhiodh iad ag ràdh: ‘Slaisidh mi do thiùmpain’. [FW:] Mhm? [MM:] Agus chuala mi cuideachd boireannach eile ag èigheadh ri a h-ogha: ‘Ma bheireas mis’ ort, tha mi– ma bheireas mise ort cha bhi diochuimhn’ aig do gheamann air.’ [Laughter] Chan eil mise cinnteach gun tuirt e sin ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mi– [FW:] Gur e an aon rud a th’ ann. [MM:] Gheibh thu sainnseal. [FW:] Gheibh thu dè? [MM:] Gheibh thu sainnseal. A blow. [FW:] Sainnseal? [MM:] Sainnseal, seadh. [BREAK IN TAPE] [FW:] Air do bhurradh? [MM:] Burradh. [FW:] Burradh? Dè bha sin a-nise? [MM:] Oh dìreach, a bhith air do phronnadh. [FW:] Do phronnadh. [laughs] [END OF TAPE]