GU_CIN_MacLeod_28/transcription [JLC] = John Lorne Campbell [AMI] = Angus MacIsaac [MP] = Mrs Patterson (Bean Dhaibhidh Patterson] Hello. This is John Lorne Campbell speaking on the Isle of Canna on the 1st of June 1959. These are copies of the wire recordings made by Angus MacIsaac of Antigonish in May 1953 – the 1st to the 27th of May. This is Antigonish, Nova Scotia, on the 26th of May, 1953. Mr Angus MacIsaac, whose forbears came from Moidart in Scotland, is going to sing “Òran a’ bhotail”. (Unusable off-mike talking) 00:00:59 [AMI:] Ciamar a tha sin? [JLC:] Tha sin taghta. [AMI:] ’S nuair shuidheas sinn socrach ’s a dh’òlas sinn botal Chan aithnich ar stoc uainn na chuireas sinn ann; Thig onoir ’s fortan le sonas a’ chopain, ’S carson nach bi deoch oirnn, mun tog sinn ar ceann? ’S bheir an stuth grinn oirnn, seinn gu fileanta, Chuir a thoil-inntinn binneas nar cainnt, Chaisg i ar n-ìota ’n fhìor dheoch mhilis, Bu mhuladach sinne nam biodh i air chall. Deoch-slàinte nan gaisgeach, nan Gàidheal gasta, Dam b’ àbhaist mar fhasan bhith pòit air an dràm, Luchd-gaoil an stuth bhlasta, ’s e ’n dùrachd gu [thlachdail/?], A dhèanadh am beairteas a sgapadh san àm. Am fear aig a bheil nì gheibh e na shireas e, Fear a tha crìonda, fanadh e thall. ’M fear a tha miodhair chan fhulaing sinn idir e, ’M fear a th’ aig’ grinneas thig iomain a-nall. ’S ro rìoghail an obair stuth brìghmhor nan togalach, Deoch-slàinte a thogadh an cridhe tha gann; ’S e chuireadh an sogan air fear a bhiodh togarrach, ’S chuireadh e ’m bodach am fear a bhiodh tinn. Chan eil anns an tìr, uasal no cumanta. Nach eil air taobh gach urram a th’ ann, ’S ged a bhiodh strì air togail na muirichinn, “Ciamar as urrainn dhuinn fuireach bhon dràm?” Tha eallach air carbaid a h-uile là grèine Thig teas bho na speuraibh thar slèibhtean nam beann, Tha e math ri là reòta gu blàths chur air pòraibh Am fear a thig bàn às taigh-òsta na dheann. Chuireadh i sunnd air muinntir eireachdail, Timcheall a’ bhùird ’s cuid eile dhiubh danns’; Thogamaid fonn neo-throm a’ ceileireadh, ’S freagarrach sheinneamaid deireadh gach rann. ’S bhon shuidh sinn cho fada, ’s a dh’òl sinn na bh’ againn, ’S e ’s còir dol a chadal mun tàinig an t-àm, Chan fhòghnadh ach pailteas thoirt solas gu m’ aigne, Deoch mhòr anns a’ mhadainn gu leigheas an cinn. ’S am fear a tha gun chlì, cuiridh i spiorad ann, Togaidh i cridh’ an fhir a tha fann, Thèid am fear tinn gu grinn air mhireag; ’S e leigheas gach tinneas, deoch mhilis den dràm. [NOTE: Composed by Duncan Bàn MacIntyre. Cf. texts in ‘Sàr Obair nam Bàrd’ and ‘The Songs of Duncan Ban MacIntyre’.] 00:04:33 [JLC;] Mr Angus MacIsaac is now going to sing “Òran a’ ghunna”. 00:04:45 [AMI:] ’S horò mo chuid chuidich thu, Gur muladach leam bhuam thu: Horò mo chuid chuidich thu ’S mi dìreadh bheann is uchdanan, ’S gum b’ ait leam bhith cuide riut, ’S do chudthrom air mo ghualainn. ’S nuair chaidh mi do Ghleann Lòchaidh, ’S a cheannaich mi NicCòisnidh, ’S mise nach robh gòrach, Nuair chuir mi ’n t-òr ga fuasgladh. Horò mo chuid chuidich thu, Gur muladach leam bhuam thu: Horò mo chuid chuidich thu ’S mi dìreadh bheann is uchdanan, ’S gum b’ ait leam bhith cuide riut, ’S do chudthrom air mo ghualainn. ’S thug mi Choire Cheathaich thu, Nuair bha mi fhèin a’ tàthaich ann, ’S tric a chuir mi luaidhidh leat, Sna daimh sna h-aighean ruadha. Horò mo chuid chuidich thu, Gur muladach leam bhuam thu: Horò mo chuid chuidich thu ’S mi dìreadh bheann is uchdanan, ’S gum b’ ait leam bhith cuide riut, ’S do chudthrom air mo ghualainn. Thug mi Bheinn a’ Chaisteil thu, ’S don fhàsach a tha ’n taice rith’, Am Màm ’s a Chreag an Aparain, Aig lagan Gleann nam Fuaran. Horò mo chuid chuidich thu, Gur muladach leam bhuam thu: Horò mo chuid chuidich thu ’S mi dìreadh bheann is uchdanan, ’S gum b’ ait leam bhith cuide riut, ’S do chudthrom air mo ghualainn. Thug mi thu Bheinn Dòbhrain, A chinneadh nan damh chròcach, Nuair theannadh iad ri crònan, Bu bhòidheach leam an nuallan. Horò mo chuid chuidich thu, Gur muladach leam bhuam thu: Horò mo chuid chuidich thu ’S mi dìreadh bheann is uchdanan, ’S gum b’ ait leam bhith cuide riut, ’S do chudthrom air mo ghualainn. ’S thug mi a Ghleann Èiteann thu, Thog mi ris na crèisean thu, ’S e mheud ’s a thug mi spèis dhut, A dh’fhàg mo cheum cho luaineach. Horò mo chuid chuidich thu, Gur muladach leam bhuam thu: Horò mo chuid chuidich thu ’S mi dìreadh bheann is uchdanan, ’S gum b’ ait leam bhith cuide riut, ’S do chudthrom air mo ghualainn. [NOTE: Composed by Duncan Bàn MacIntyre. Text available in ‘Songs of Duncan Bàn MacIntyre’ and other sources.] Some off-mike talking 00:08:05 [JLC:] This is Mr Angus MacLeod (sic) singing part of the bard MacLean’s song “A’ choille ghruamach”. 00:08:17 [AMI:] ’S gu bheil mi ’m ònar sa choille ghruamaich, Mo smuaintean luaineach, cha tog mi fonn: Bhon fhuair mi ’n t-àite seo ’n aghaidh nàdair, ’S gun do thrèig na tàlantan bha nam cheann. Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann, Nuair nì mi tòiseachadh bidh mi trom; ’S chaill mi a’ Ghàidhlig seach mar a b’ àbhaist, An uair a bha mi san dùthaich thall. ’S chan fhaigh mi m’ inntinn leam an òrdugh, Ged tha mi eòlach air dèanamh rann; Bu mhothad bròn dhomh ’s lughad sòlas, Gun duine còmh’ rium rin dèan mi cainnt. Gach là is oidhche ’s gach car a nì mi Gum bi mi cuimhneachadh anns gach àm. An tìr a dh’fhàg mi an tac an t-sàile, Ged tha mi ’n-dràst’ ann am bràighe ghleann. ’S chan iongnadh dhòmhsa ged bhithinn brònach, ’S ann tha mi còmhnaidh air chùl nam beann, Am meadhan fàsach air Abhainn Bhàrnaidh, Gun dad as fheàrr na ’m buntàta lom. Mun dèan mi àit’ ann ’s mun tog mi bàrr ann, ’S a’ choille ghàbhaidh chur far a bonn, Le neart mo ghaoirdein gum bi mi sàraichte, Is treis a’ fàilinn mu fàs a’ chlann. ’S e seo an dùthaich mum beil an cruadal, Gun fhios don t-sluagh a tha tighinn a-nall. Gur olc a fhuaradh aig luchd a’ bhuairidh, A rinn an tuairisgeul ’s ar toirt ann. Ma nì iad buannachd, cha mhair e buan dhaibh, Cha dèan iad suas ann ’s chan iongnadh leam, Gach tulach cruaidh ann a bhios gan ruagadh, On chaidh am fuadach a chur fo ar ceann. ’S bidh gealladh làidir ga thoirt an tràth sin, Bidh cliù an àite ga chur an cèill. Bidh iad ag ràdhainn gu bheil an càirdean, Gu sona saidhbhir gun dad a dh’èis. Gach naidheachd meallta ga chur gan ionnsaigh, Feuch an sanntaich iad tighinn nan dèidh. Nuair thig na stàta ’s a chì sibh iadsan, Chan fheàrr na stàtachan na iad fhèin. ’S nuair thig na dròbhairean sin gan iarraidh, ’S ann leis na breugan a nì iad feum. Gun facal fìrinne bhith ga innse, Ach an cridhe dìteadh mar a their am beul. A’ cur am fiachaibh gu bheil san tìr seo, Gach nì as prìseile tha fon ghrèin. ’S nuair thig sibh innte gur beag a chì sibh, Ach coille dhìreach toirt dhìth na speur. ’S nuair thig an geamhradh ’s mìos na Dùldaich, Bidh sneachda dùinte mu bhàrr nan geug. Gu domhainn dùmhail dol far nan glùinean, Ged ’s math an triùbhsair cha dèan i feum. Gun stocainn dhùbailt sa mhogais chlùdach, An dèidh a dùnadh gu dlùth le èill. ’S b’ e fasan ùr dhuinn ga cosg le fionntach, Mar chaidh a rùsgadh don bhrùid an-dè. (’S) Mur bi mi eòlach airson mo chòmhdach, Gum faigh mi reòta mo shròn ’s mo bheul. Le gaoth a tuath bhios gu neimheil fuarach, Gum bi mo chluasan an cunnart geur. Tha ’n reothadh fuathasach, cha seas an tuagh ris, Gum mill i chruaidh ged a bhiodh i geur. ’S mur toir mi blàths dhi, gum brist i stàilinn, ’S gun dol na cheàrdaich cha gheàrr i beum. ’S nuair thig an samhradh is mìos a’ Chèitein, Bidh teas na grèine gar fàgail fann. Gun cuir e speirid sa h-uile creutair A bhios fo èislean air feadh nan tonn. Tha mathan bèisteil ’s nar nì e èirigh Air feadh an treuda, gu mòr a chall. ’S a’ chuileag ìngneach gu socrach puinnseant’, Gam lot gu lìonmhor le rinn a lann. ’S gun dèan i m’ aodann gu h-olc a chaobadh, Chan fhaic mi ’n saoghal ’s ann bhios mi dall. Gun at mo shùilean le neart a cuingnean, Ro ghuineach drùidheach tha sùgh a teang’ Cha dèan mi àireamh dhuibh anns an dàn seo, Gach beathach gràineil a thogas ceann. [Singer forgot line] Airson nan tràillean a bha sa champ’. ’S gur h-iomadh caochladh thig air an t-saoghal Ro bheag a shaoileam nuair bha mi thall. Bu bheachd dhomh ’n uair sin mun d’ rinn mi gluasad, Gum fàsainn uasal nuair thiginn ann. An car a fhuair mi cha b’ ann gu m’ bhuannachd, Tighinn air a’ chuan air a’ chuairt bha mall. Gu tìr nan craobh anns nach eil ar saorsainn, Gun mhart gun chaora ’s mi ’n aodach gann. (’S) Gur h-iomadh ceum anns am bi mi ’n deas-làmh Mun dèan mi saidhbhir mo theachd-air-tìr; Bidh m’ obair èigneach mun toir mi feum aist’ ’S mun dèan mi rèiteach airson a’ chroinn: A’ cur nan teinntean air muin a chèile Gun do lasaich fèithean a bha nam dhruim, ’S a h-uile ball dhìom cho dubh ri sùithlean, Bidh mi gam shamhlachadh ris an t-sùip. ’S gur mòr an seanchas a bh’ aca an Albainn, Tha a’ chùis a’ dearbhadh nach robh e fìor; Na dolair ghorma chan fhaic mi falbh iad, Ged bha iad ainmeil a bhith san tìr. Ma nì iad bargain chan fhaigh iad airgead Ach èiginn ainmeachadh anns a’ phrìs; Ma gheibh iad [cùmhnant/?] air feadh nam bùithtean Gum pàigh mi null e le flùr no ìm. [AMI:] A bheil gu leòr an sin? An gabh mi fear eile? [JLC:] Tha sin gu leòr. Tha sinn trom gu leòr a-nise. 00:16:22 [JLC:] Mr Angus MacIsaac is going to sing the song “Fhir a dhìreas am bealach”. [AMI:] (’S)Thig trì nithean gun iarraidh An t-eagal, an t-eudach, ’s an gaol; ’S gura beag a’ chùis mhaslaidh Gad a ghlacte leoth’ mis’ air a h-aon. A liuthad bean uasal A fhuaradh sa chion an robh mi; ’S a thug i gaol fuadain Air ro bheag an duais dhi ga cinn. ’S air faillirinn illirinn uillirin o hòro laoigh Cruaidh-fhortan gun fhios a chuir mise fo chumha do ghaoil. ’S fir a dhìreas am bealach Bheir soraidh don ghleannan fo thuath; Is innis dham leannan Gura maireann mo ghaol ’s gura buan. Fear eile cha ghabh mi ’S chan fhuiling mi idir a luaidh; Gus an dèan thu ghaoil m’ àicheadh, Cha chreid mi bho chàch gura fuath. ’S air faillirinn illirinn uillirin o hòro laoigh Cruaidh-fhortan gun fhios a chuir mise fo chumha do ghaoil. ’S fear nan gorm-shùilean meallach Sa ghleannan gam bitheadh an smùid; Gam bheil a chuing-mhalaidh Mar chanach an t-slèibhe fon driùchd. ’S nuair thèid thu air d’ uilinn Bidh fuil air fear dhìreadh nan stùc; ’S nam biodh tu ghaoil mar rium Cha b’ anaid a’ chèile leam thu. ’S air faillirinn illirinn uillirin o hòro laoigh Cruaidh-fhortan gun fhios a chuir mise fo chumha do ghaoil. ’S nam faicinn thu tighinn, ’S fios dhomh gur tusa bhiodh ann; Gun èireadh mo chridh’ Mar aiteal a’ ghrèin air nam beann. ’S gun tugainn mo bhriathra Gach gaoisid tha liath mum cheann; Gum fàsadh iad buidhe Mar dhìthean am bruach an uillt. (sounds like dhìgean) ’S air faillirinn illirinn uillirin o hòro laoigh Cruaidh-fhortan gun fhios a chuir mise fo chumha do ghaoil. ’S mur tig thu fhèin tuilleadh Gura h-athfhann dhomh malairt a th’ ann; Nach eil mi cho beairteach Ri cailin an aicheadh ud thall. Cha tugainn mo mhisneachd Mo ghliocas is grinneas mo làimh (sounds like làmh) Air buaile chrodh-bhallaich ’S cailin gun iùil air an ceann. 00:21:05 [JLC:] This is Mr Angus MacIsaac going to tell the story and sing the song of Iain a’ Phìobaire at Antigonish, on the 27th of May, 1953. Bha fear a mhuinntir Albainn a thàinig a-nall mun àm a thàinig cuideachd eile à Albainn a-nall, agus bha e na phìobaire cho math ’s a bh’ anns an dùthaich, agus bha e na dheagh bhàrd. Agus ’s iomadh òran a rinn e agus ’s iomadh duine bha toileach air a chluinnteil. Bha Iain a mhac… bha e na bhàrd… de [XX] cho math ris fhèin, ach cha robh e buileach cho math ris, ach bha e math air a shon sin. Agus bha mac aige air an robh Seumas, Seumas MacIlleBhràth. ’S e Clann/Cloinn ’icIlleBhràth a bh’ anntasan uile, agus bha e na dhuine làidir foghainteach, agus na dhuine cho coltach ’s a bha riamh an County Antigonish. Agus thàinig iad air a thòir gu dol a gheàrd na ban-rìghinn. Chaidh e ann, a gheàrd na ban-rìghinn. Ach cho robh e fada thall san t-seann dùthaich, dar a dh’eug an duine truagh, agus bha athair agus a bhràthair gàbhaidh duilich mar a dh’èirich [a-mach/?] agus rinn athair òran brèagha dha, agus rinn a mhac, Iain a’ Phìobaire, rinn e òran e fhèin, agus bha an dà òran cho brèagha ’s cho brèagha, tha e duilich innse dè dhiubh b’ fheàrr dhiubh. Sin an t-òran a tha mi dol a ghabhail an-dràsta, an t-òran a rinn Mac a’ Phìobaire Mhòir. ’S e Iain a’ Phìobaire a theireamaid ris, agus tha mi dol a ghabhail an t-òran sin. ’S ann Diciadain am feasgar A fhuair mi sgeul a thog m’ euslaint; Gaol nam bràithrean bhith leagte fo bhòrda. ’S ann Diciadain am feasgar A fhuair mi sgeul a thog m’ euslaint; Gaol nam bràithrean bhith leagte fo bhòrda. ’S an aona bhràthair a bh’ agam A bha mo dhùil ris tighinn dachaigh, E na shìneadh an Sasainn gun chòmhnadh. An aona bhràthair a bh’ agam A bha mo dhùil ris tighinn dachaigh, E na shìneadh an Sasainn gun chòmhnadh. ’S ann fo frontadh na stìopaill Mar tha litir ag innse, Tha do cholann làn-phrìseil a’ còmhnaidh. ’S ann fo frontadh na stìopaill Mar tha litir ag innse, Tha do cholann làn-phrìseil a’ còmhnaidh. ’S còmhlan shìobhalt’ na stuamachd, Teanga shìobhalt’ gun tuaileas, Thug na diùcan air tuath dhut air d’ fhoghlam. Còmhlan shìobhalt’ na stuamachd, Teanga shìobhalt’ gun tuaileas, Thug na diùcan air tuath dhut air d’ fhoghlam. ’S an àm bhith tadhal air fairge, Rinn iad roghainn gu falbh leat, Feadh na Frangaich ’s na Gearmailt ’s na h-Òlaind. ’S an àm bhith tadhal air fairge, Rinn iad roghainn gu falbh leat, Feadh na Frangaich ’s na Gearmailt ’s na h-Òlaind. ’S dhearbh thu fhèin nach b’ fhear tais thu, ’N àm bhith feuchainn nan gaisgeach, An dàrna “prize” gun tug thu dhachaigh nad phoca. Dhearbh thu fhèin nach b’ fhear tais thu, ’N àm bhith feuchainn nan gaisgeach, An dàrna “prize” gun tug thu dhachaigh nad phoca. ’S thogar craobh far an àite, A bha gun chomharr’ ’s gun fhàilinn; Cha robh leithid air àrainn far m’ eòlais. Thogar craobh far an àite, A bha gun chomharr’ ’s gun fhàilinn; Cha robh leithid air àrainn far m’ eòlais. ’S a h-uile meur mar a dh’fhàs iad Ann an spionnadh ’s an àite, Air grad-sgathadh gu làr mun tig cnòtha. ’S a h-uile meur mar a dh’fhàs iad Ann an spionnadh ’s an àite, Air grad-sgathadh gu làr mun tig cnòtha. Ach tha iad uile fo chìse, Ach am meangan as ìsle; Tha fear sin fhathast fo bhinn Rìgh na Glòire Tha iad uile fo chìse, Ach am meangan as ìsle; Tha fear sin fhathast fo bhinn Rìgh na Glòire. Tha mi ’n dòchas an t-Athair Gum bi sinn uile siud fhathast, Seinn ciùil aig buaidh Chathair na Glòire. Tha mi ’n dòchas an t-Athair Gum bi sinn uile siud fhathast, Seinn ciùil aig buaidh Chathair na Glòire. [NOTE: Cf. ‘Bàrdachd à Albainn Nuaidh’ p.42] Ends 00:29:30 00:29:35 ’S a chaoidh cha thog mi guth èibhinn Chan eil spèis leam da cheòl; ’S ann a lasaich mo theudan ’S tha mo ghleus a’ fàs [XX]. Thromaich smal air mo reusan ’S chaidh mo lèirse fo cheò; ’S cha tig aiteal na grèine A thogail m’ èislean rim bheò. ’S beag an t-iongnadh leam astar A bhith gu h-airtnealach mall; Chuir mi ceathrar an tasgadh Anns a’ chlachan ud thall. Dh’fhalbh mo Sheumas a Shasainn Ann am fasgadh nan Gall; ’S chuir e cùl ri fir Shasainn O ’s e mo [XX] a bh’ ann. ’S gur tric snigh air mo fhrasan(fhrasgan?) Agus cairt air mo shnuadh. Tha mo chiabhan air glasadh Dh’fhàg siud tana mo ghruaidh. Bidh mi smaointinn ’s gach là Air cho fad ’s tha sibh bhuam. Caoidh nam fiùranan gasta A dhùisgeadh tlachd am measg sluaigh. (Ends 00:31:34) Bu chòir tuilleadh a bhith agam … [JLC:] Siud an t-òran a rinn an t-athair. [AMI:] ’S e. Athair Iain a’ Phìobaire. Ach chan eil an siud ach ceathramh no dhà dheth. Tha e aca. Bruidhinn thusa ri Doctor Nicholas. [JLC:] Bruidhnidh. [AMI:] Agus tha fhios aigesan gun gabh fhaighinn. Tha am fear sin air a phriontadh. Chunna mis’ ann am pàipearan roimhe e. Ach òran Iain a’ Phìobaire, chan eil e aig duine sam bith. [JLC:] Chan eil. [AMI:] Bha e aig mo mhàthair. Cha chreid mi gu bheil e aig duine sam bith eile. Iain a’ Phìobaire, bha e a’ fuireach teann oirnn fhìn an seo, agus bha an fheadhainn a bha fuireach mu chuairt dha, bha feadhainn dhiubh a ghabhadh òran math, agus bhiodh an t-òran ga chluinnteil aca sin. Ach co-dhiù bha e aca ceart gu leòr ann am priont, ach bha teine ann. Chaidh an taigh na theine, agus chaidh am fuathas de na h-òrain a rinn Iain a’ Phìobaire agus de na h-òrain a rinn athair a losgadh mun àm sin, agus bha e duilich. Bha forfhais aca air cuid dhiubh, ach cha robh aca uile-gu-lèir. [JLC:] Tha mi tuigsinn. 00:33:28 [AMI:] Tha mi dol a ghabhail òran beag a chaidh a dhèanamh dhan bhear anns an dùthaich seo. Beathach, theireadh iad ris am mathan. Agus bha iad glè phailte an toiseach dar a bha fuathas coille timcheall air na h-àiteachan a bha seo. Bhiodh iad air ais ’s air adhart gu math tric, agus glè thric bha iad ri mòran cron, cuideachd air caoraich ’s air uain a bhiodh a-muigh anns na pàirceannan aca. Agus co-dhiù, bhiodh iad às an dèidh le gunnachan, agus dh’fhaodte gum faigheadh iad fear an-dràsta ’s a-rithist. Ach bha e duilich grèim a dhèanamh orra, air gu leòr dhiubh. Agus, tha cuimhn’ agam fhathast air coimhearsnachd dhuinn fhìn, am fear MacÌosaig, chaidh uan brèagha a mharbhadh air, beagan rathad bhon t-sabhal aige, far an robh an sabhal. Agus bha e smaoineachadh gun dèanadh e plan air choreigin air tighinn mu chuairt air a’ bhear le [XX], gu grèim a dhèanamh air. Ach co-dhiù, dh’fhàg e an t-uan mar a bha e. Cha robh gach roinn dheth air a thoirt às aig a’ bhear. Dh’fhàg e an t-uan fad na h-oidhche, agus chaidh fear le gunna feuch am faiceadh e am beur a’ tighinn a dh’ionnsaigh an àite sin anns an robh an t-uan. Agus chan fhaca am fear sin soidhn’ air beur no air beathach eile fad na h-oidhche, agus chaidh e dhachaigh sa mhadainn dar a bha a’ ghrian suas pìos air adhar. Gus a bhith cinnteach nach tigeadh e, dh’fhuirich e fad na h-oidhche le gunna, agus cha d’ fhuair e greim idir air. Ach co-dhiù, am fear a chaidh an t-uan a mharbhadh air, ’s e rinn e, bhùidsearaich e an còrr den uan agus chroch e san t-sabhal e. Chroch e gu math àrd e, an dòigh ’s nach fhaigheadh coin ga ionnsaigh, na beathaichean, na cait, na beathaichean eile. Ach co-dhiù, dar a dh’èirich e, an duine sin, sa mhadainn, chaidh e a-mach timcheall air crodh a bh’ anns an t-sabhal ’s air stoc, ’s thug e an aire de dhoras mòr an t-sabhail, nach robh e mar a b’ àbhaist dha bhith, ’s chaidh e suas. Bha an doras sin air a bhristeadh, agus fhuair e a-staigh, ’s dar a chaidh e a-staigh, cha robh grèim den uan a chroch e suas an latha roimhe siud…cha robh greim ri fhaighinn dheth. Agus gu dè a thàinig a dh’ionnsaigh an àite aige an oidhche sin ach am beur, ’s bhrist e doras mòr an t-sabhail a-staigh, agus chaidh e a-staigh, ’s thug e leis an t-uan, agus sin na tha cuimhn’ agams’ den naidheachd, ach bha e na naidheachd mhòr aca mun àm a thachair e. [JLC:] A bheil sibh a’ dol a ghabhail an òrain a-nis? [AMI:] Dè fear tha sin? [JLC:] Òran a’ bhear [AMI:] (Coughing) Tha nàdar de chnatan ormsa. Chan eil an cnatan dona air a shon sin. Feuchaidh mi ri “Òran a’ Bhear” a ghabhail. 00:37:49 ’S e seo agaibh òran a chaidh a dhèanamh don bhear, don mhathan. Agus tha mi dol a dh’fheuchainn ri nas urrainn dhomh dheth a ghabhail. Chan eil fhios agam a bheil e uil’ agam, ach tha glè theann air. (’S) Moch sa mhadainn rinn mi triall Le cuilbhear gun fhiaraidh/iarraidh agam Chunna mi fear dubh nan spòg ’S e na ònar taobh an rathaid. Lean e mi staigh oirr’ cho dlùth ’S nach d’ fhuair e ùin’ air dhol ma tharraing; ’S dh’inns e gach car chuir e riamh dheth Bhon a thriall e anns a’ gheàrraidh. Mòr o Chaluim, Mòr o Chaluim Laigh thu fo Mhòr o Chaluim Mòr o Chaluim, Mòr o Chaluim Nach laigh thu fo Mhòr o Chaluim. ’S gura diombach mi dan t-sluagh A tha ’n-dràst’ air uachdar an fhearainn; Iad gun iochd aca ri creutair Bhios leis fhèin air feadh nam bailtean. Tha pàirt dhiubh fo [XX]’s fo [XX] Cuir trap is lìon ann am [charamh/?]; [XX] [XX] [XX] Theàrlach ’S e caraid a b’ fhèarr a bh’ agam. Mòr o Chaluim, Mòr o Chaluim Nach laigh thu fo Mhòr o Chaluim ’S iomadh call a rinn mi riamh ’S ann rinn mi triall anns a’ gheàrraidh; Chuir mi [XX] aig Eòsaph Ann an linge mhòr na maise. Ghoid mi ’m piatan a bh’ aig Mìcheal ’S e fhèin na shìneadh na chadal ’S bha e agam air mo dhinnear ’S an t-seana [XX] a rinn Calum. Mòr o Chaluim, Mòr o Chaluim Nach laigh thu fo Mhòr o Chaluim. Mòr o Chaluim, Mòr o Chaluim Nach laigh thu fo Mhòr o Chaluim. ’S bidh mi cuimhneachadh an-còmhnaidh Far an robh sinn òg a’ fanail; Cleasachd ann an còs craoibh ’S pàirt dhiubh tarraing chaorach dhachaigh. Againn a bha ’n leaba ghrinn Dh’fhòghnadh i dan rìgh dham barail; Tarrachaill a bh’ air seann Iehòbha Bh’ againn na bhobhstair a’ cadal. Mòr o Chaluim, Mòr o Chaluim Nach laigh thu fo Mhòr o Chaluim. ’S bha sinn ann dhiubh ceathrar bhràithrean Ged tha pàirt dhiubh nach eil maireann; Tha ’n-diugh Clèiridh agus Fearchar Fhuaradh marbh iad fo na maidean. Chan eil sgeul againn air Fionnlagh Mur deachaidh e ’n grunnd na maise Mise gur tuireadh ’s gur caoineadh Bràithrean mo ghaoil nach tig dhachaigh. Mòr o Chaluim, Mòr o Chaluim Nach laigh thu fo Mhòr o Chaluim Ends 00:41:39 [NOTE: Cf. ‘Brìgh an Òrain’ p. 276] [AMI:] ’S ann mu dheidhinn nam Fianntaichean a tha e, agus dh’ionnsaich mi bhuaipese an t-òran, ach tha ceathramh no dithis agam nach urrainn dhomh chur leis uile gu lèir. [JLC:] Tha mi tuigsinn. [AMI:] Ach, tha mi creidsinn gu bheil ceithir no còig a cheathramhnan agam. [JLC:] Glè mhath. 00:42:09 [AMI:] ’S e seo agaibh òran a chaidh a dhèanamh do na Fianntaichean, daoine mòra foghainteach a bha anns an t-Seann Dùthaich bho chionn dòrlach linntean; agus tha òran an seo a rinn iad, ’s tha ceathramh no dhà agamsa dheth, agus tha mi creidsinn … feuchaidh mi ri a ghabhail cho math ’s as urrainn dhomh, ach … Tha e dol: ’S an oidhche chaidh Pàdraig na mhuir, Bha sùrd air seirm is air òl, A’ coimhead air Oisean na Fèinn’ O ’s ann leis bu bhinne ghlòir. ’S an oidhche chaidh Pàdraig na mhuir, Bha sùrd air seirm is air òl, A’ coimhead air Oisean na Fèinn’ O ’s ann leis bu bhinne ghlòir. (Oisean) ’S a Chlèirich a sheinneas na sailm B’ fhèarr leam fhìn gur bàth do chiall, Nach èisteadh tu tamall rim sgeul Air an Fhèinn, nach cual’ thu riamh? ’S a Chlèirich a sheinneas na sailm B’ fhèarr leam fhìn gur bàth do chiall, Nach èisteadh tu tamall rim sgeul Air an Fhèinn, nach cual’ thu riamh? (Pàdraig) Chan èist mi tamall rid sgeul Air an Fhèinn nach cual’ thu riamh Is blas nan salm air feadh mo bheòil – Gum b’ fhèarr siud do cheòl dhomh fhìn. Chan èist mi tamall rid sgeul Air an Fhèinn nach cual’ thu riamh Is blas nan salm air feadh mo bheòil – Gum b’ fhèarr siud do cheòl dhomh fhìn. (Oisean) ’S mas ann a’ sanntachadh do shalm Ri Fhèinn Èireann nan arm nochd – A Chlèirich ’s ro thàinig leam Nach sgarainn do cheann bhod chorp. ’S mas ann a’ sanntachadh do shalm Ri Fhèinn Èireann nan arm nochd – A Chlèirich ’s ro thàinig leam Nach sgarainn do cheann bhod chorp. (Pàdraig) ’S i do bheatha [XX] Ugad air chuairt thàinig sinn – Dè ’n cath ’s bu chruaidh’ air an robh an Fhèinn, [O na ghein thu riamh nan lorg/?. ](Line as transcribed by JLC) ’S i do bheatha [XX] Thugad air chuairt thàinig sinn – Dè ’n cath ’s bu chruaidh’ air an robh an Fhèinn, [O na ghein thu riamh nan lorg/?]. (Line as transcribed by JLC) (Oisean) ’S bha sinn latha sa bheinn t-seilg ’S cha tàinig an t-sealg nar car, ’S gum faca sinn mìle bàt’ Air an tràigh a’ teachdaireachd. ’S bha sinn latha sa bheinn t-seilg ’S cha tàinig an t-sealg nar car, ’S gum faca sinn mìle bàt’ Air an tràigh a’ teachdaireachd. Mac Rìgh Lochlainn bha ’n siud air tràth – ’S gu dè fàth a bhith ga chleith – ’S cha ghabh e cumail bho Fhionn Gun a’ bhean ’s a chù thoirt leis. (’S) Mac Rìgh [Lochlainn/?] bha ’n siud air tràth – ’S gu dè fàth a bhith ga chleith – ’S cha ghabh e cumail bho Fhionn Gun a’ bhean ’s a chù thoirt leis. ’S a Rìgh! Cha tugainn-sa mo bhean Do dhuine a tha fon ghrèin, ’S cha toir mi Bran gu lath’ bhràtha, Gus an tig am bàs orm fhèin. ’S a Rìgh! Cha tugainn-sa mo bhean Do dhuine a tha fon ghrèin, ’S cha toir mi Bran gu lath’ bhràtha, Gus an tig am bàs orm fhèin. (Ends 00:48:56) [NOTE: Cf. ‘Songs remembered in exile’ (John Lorne Campbell ed.) p.182] [JLC:] This is Antigonish, Nova Scotia, on the 28th of May 1953. Mr Angus MacIsaac is going to sing “Tha m’ inntinn trom ’s cha tog mi fonn”. ’S ann à Lìte dh’fhalbh an long Bu mhòr a call mun d’ ràinig i. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. ’S an tùs a’ Mhàirt a rinn i seòladh Gu dol air bhòids’ a dh’Afraga. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. Bha gach seòrs’ ann mar bu mhiann Bha òl, bha fìon, bha [XX] ann. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. ’S dh’èirich gruaim an àird an iar Gur [XX] a dh’fhàg i sinn. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. Bha ceud gu leth [XX] Anns gach dòigh a ghnàthaicht’ iad. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. ’S eadar Dihaoine ’s Diciadain Chaill sinn sia den àireimh ud. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. ’S mun tàinig an ath Diciadain Sianar a bha làthair dhiubh. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. ’S labhair an sgiobair fo ’s ìseal “’S mòr an sgrìob a thàinig oirnn.” Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. ’S ciamar thèid mi don leabaidh Cha chadal ’s cha thàmh dhomh e. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn ’S ciamar thèid na siùil ri crainn Gun d’ fhalbh na soighns ’s gun dh’fhàg iad sinn. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn ’S ioma bean òg bha gun chèile ’S tèile bha gun bhràthair aice. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. Athair ’s màthair a bha tùrsach ’S i ri cumha nan àilleagan. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. ’S ciamar thèid mi do Chaol Ìle O ’s ann leinn fhìn a dh’fhàgar sinn. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. ’S cha do thill dhachaigh do Lìte Ach an trì den àireimh ud. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. ’S a thoirt cunntas air an [tuagh/?] Tha ’n grunnd a’ chuain a’ tàmhachd ann. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn A’ siubhal neo-thàmhachdach. Tha m’ inntinn trom ’s cha thog mi fonn. (Ends 00:54:25) Bha mi gabhail beagan dhuain dhuibh is òrain ann a seo, agus tha mi creidsinn gum bi cuid agaibh airson fhaighinn a-mach cò mi. ’S ann às a [XX] an Guysborough County a tha mi. M’ athair, ’s e Dòmhnall MacÌosaig a bh’ air, agus mo mhàthair ’s e Catrìona a bh’ oirre. Agus ’s e ise a dh’ionnsaich dhomh a h-uile òran beag a bha mi gabhail an seo, agus bha mi airson beagan thoirt dhuibh de dh’òrain co-dhiù, feuch dè mar bu toigh leibh iad, agus ’s e seo a tha mi smaointeachadh na ’s urrainn dhomh a ghabhail an-dràsta. [JLC:] Agus tha sibh trì fichead ’s a h-ochd-deug. [AMI:] Tha m’ aois … Tha mi trì fichead … trì fichead agus … tri fichead agus eight … trì fichead agus seventy-seven. Seventy-eight years old. 00:56:21 [JLC:] The four songs which follow now are copied from the wire recording made from Mrs Patterson of Benacadie, Cape Breton, on the 24th May 1953, at Christmas Island. This recording was made by Mrs Patterson [MP:] at Christmas Island, Cape Breton, on the 24th May 1953. [MP:] ’S bu ghrannda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne Bàthchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. Siud far an robh an t-seinn ’s an teine ’s e na dhreosaich, Gun robh Ailig ann agus Anndra mo laochan; Bha Aonghas le dhùrachd a’ stradadh air na h-ùrach, ’S bha Iseabail ga mhùchadh ’s i smùideadh ma h-aodann. ’S bu ghrannda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne Bathchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. Sa mhadainn Didòmhnaich bha maraichean air fògradh Bha maighich air an ròsladh ’s bha eòin air an slaopadh. ’S tha mo [XX] [XX] dhan fhear a chuir a smàl ris; Cha robh guth ri ràitinn bhon shàbhail na daoine. ’S bu ghrannda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne, Bathchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. ’S ioma madadh-ruadh a bha ruith air feadh nam bruachaibh, Earball air a ghualainn ’s e luath leis an aonadh; Na ròcaisean ag èigheach ’s na fithich ’s iad nan èiginn, Na smeòraichean iad fhèin thug iad reug ’s cha b’ e ’n t-iongnadh. ’S bu ghrannda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne, Bathchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. Siud far an robh ’n t-seinn is an teine ’s e na dhreosaich, Gun robh Ailig ann agus Anndra mo laochan; Bha Aonghas le dhùrachd a’ stradadh air na h-ùrach, ’S bha Iseabail ga mhùchadh ’s i smùideadh ma h-aodann. ’S bu ghrannda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne, Bathchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. ’S e turas gun bhuaidh ann a chuir an tein’ air ghluasad Ga chur sa mhosgan ruadh {gus na bhuail / gus an do bhuail} e na chraoslaich. Nuair chaidh e san droighnich ’s a fhuair an soirbheas grèim air Chan fhaiceadh sibh ach boillsd’ agus soills’ air gach taobh dheth. ’S bu ghrannda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne, Bathchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. [NOTE: Le Lachlann MacMhuirich. Cf. MacEdward Leach and the Songs of Atlantic Canada, available on-line at ] Some talking about patronymic – off-mike and barely audible. [JLC:] Seo agaibh a-nist Bean Dhaibhidh Patterson a’ gabhail “Òran a’ Chaimbeulaich”. [MP:] Fail ò ro mar dh’fhàg sibh Cur cùl ri ur càirdean, Gu bheil sinn uile tùrsach Gur n-ionndrainn a tha sinn. Fail ò ro bhon dh’fhàg sibh. ’S Iain Caimbeul an t-uasal Bu shuairce na nàdar, Chan fhaic sinne mun cuairt thu ’S gur truagh leinn thu dh’fhàgail. Fail ò ro bhon dh’fhàg sibh. ’S gu bheil do bhean cho fialaidh ’S cho ciatach ’s cho bàidheil, Tha i cridheil, coibhneil, Làn aoibhneis is càirdeil. Fail ò ro bhon dh’fhàg sibh. ’S gur mise bha cho deurach Nuair leugh mi sa phàipear Sibh dhol cho fada bhuainne, ’S nach d’ fhuair mi bhith làimh ribh. Fail ò ro bhon dh’fhàg sibh. Ach ’s g’ eil mis’ an dòchas, Mas beò agus slàn sibh, Gun till sibh air a’ bhòidse Gu ’n chòmhlan a dh’fhàg sibh. Fail ò ro bhon dh’fhàg sibh. ’S bhon a thug sibh cùl ruinn, ’S an dùthaich seo fhàgail, Mo bheannachd le deagh dhùrachd, Bhith dhuibh fad ur làithean, Fail ò ro bhon dh’fhàg sibh. Is cùl chur ri ur càirdean Gu bheil sinn uile tùrsach, Gur n-ionndrainn a tha sinn. Fail ò ro bhon dh’fhàg sibh. (Ends 01:03:55) [MP:] Cò bheir thu dhòmhsa na ho him bò? Bog a loireach, ceig a loireach, Breabaidh mi e kickidh mi e, ’S cuiridh mi san dìg e, [Mullach a’ chinn/?] ’s duilich leam, Burraidh agam, ’s currac aige ’s car na shròin. Cò bheir thu dhòmhsa na ho him bò? M’ ulaidh, m’ aighear, m’ iubhar mar Ri croinn gheala, ob ob. ’S aighearach mi ’s leannan agam ’s e cho òg. [NOTE: Cf. ‘Songs remembered in exile’ (John Lorne Campbell ed.) p.118] Short section of off-mike talking. Only parts of this are audible. 01:05:07 [MP:] ’S a chuachag nam beann, ho hao ri iù, Nach truagh leat mo chlann, Ho hao ri ò ho ro, hao ri iù. Nach truagh leat mo chlann, ho hao ri iù, Tè eile nan ceann, Ho hao ri ò ho ro, hao ri iù. Tè eile nan ceann, ho hao ri iù, Bidh buillean man cheann, Ho hao ri ò ho ro, hao ri iù. Bidh buillean man cheann, ho hao ri iù, Buill’ eil’ anns an làimh, Ho hao ri ò ho ro, hao ri iù. . Buill’ eil’ anns an làimh, ho hao ri iù, ’S an cridheachan fann, Ho hao ri ò ho ro, hao ri iù. ’S an cridheachan fann, ho hao ri iù Cha tug mi sin riamh Ho hao ri ò ho ro, hao ri iù. Cha tug mi sin riamh ho hao ri iù, Ends 01:06:42 [NOTE: See ‘Songs remembered in exile’ (John Lorne Campbell ed.) p.108] [JLC:] At that point, the original wire ran out. Here come now three more songs sung by Mrs Patterson, copied from a tape recording made by Miss Annie Johnston. [MP:] (’S) Ged tha mi air m’ aineol, Cha laigh smalan air m’ inntinn, Ged tha mi air m’ aineol. Gur ann toiseach a’ gheamhraidh, Ghabh mi ’n geall air an rìbhinn. Ged tha mi air m’ aineol, Cha laigh smalan air m’ inntinn, Ged tha mi air m’ aineol. Rinn mi còrdadh ri caiptean, Air a’ bhàrc a bha rìomhach. Ged tha mi air m’ aineol, Cha laigh smalan air m’ inntinn, Ged tha mi air m’ aineol. Fhuair mi còir air a’ mhaighdinn ’S e bu stoidhle dhi Sìne. Ged tha mi air m’ aineol, Cha laigh smalan air m’ inntinn, Ged tha mi air m’ aineol. ’S ann à Boston a sheòl sinn, Dol air bhòids’ dha na h-Innsibh. Ged sheòl mi air m’ aineol [NOTE: Chorus singers sing ‘Sheòl’ not ‘tha’) Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. ’S trì oidhche ron Nollaig Dh’fhàs i molach ’s droch shìd’ ann. Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. Gun robh uisg’ agus sneachd ann, Clach-mheallain bha millteach. Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. Gur ann ormsa b’ fheudar dìreadh san “rigging” Dh’aindeoin miosachd na sìde. Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. B’ fheudar dìreadh san ròpa, Cha spòrs e ri innse. Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. Cha robh ròpa ’s robh òirleach, Nuair a reòth e bha trì ann. Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. ’S gun robh craiceann mo làimh, Is bha mo ghàirdeanan millte. Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. Cha robh lighichean làmh rium, Ach [plastaichean?/] [grìseadh/?] Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. ’S gur ann ormsa bha ’n t-eagal, Bha na breasan a’ bìgeil. Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. ’S mi [XX] an eagail ’S Cape Brace tha rinn sìnte. Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. ’S bha Cape [Hine/?] air an fhuaradh A’ fuadach bhuainn [Sìne/?]. Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. Sin nuair thuirt an Caiptean, “’Illean gasta na dìobraibh” Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. “Nuair a ruigeas sibh caladh, Bidh ur drama dhuibh cinnteach.” Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. Uisge-beatha gun baisteadh, Air a tharraing tro phìoban. Ged sheòl mi air m’ aineol, Cha laigh smalan air m’ inntinn, Ged sheòl mi air m’ aineol. Uisge-beatha gun truailleadh O na fhuaras sna h-Innsibh. Ged sheòl mi air m’ aineol Cha laigh smalan air m’ inntinn Ged sheòl mi air m’ aineol. 01:12:13 [MP:] Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. (’S ) tapadh leis na Gàidheil ghasta, Thug am breacan datht’ à Sruighlea. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Nuair sheallas mi air mo chasan, M’ urram aig na gartain shìoda. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Nuair sheallas mi air mo bhrògan, Meud mo bhròin chan fhaod mi innse. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Nuair sheallas mi air mo chasan M’ urram aig na gartain shìoda. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. ’N oidhche bha mi ’n taigh a’ Mhuilinn, Chruinnich iad uile mum thimcheall. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Chuir iad an t-airgead nam phòca, Fàth mo leòin a bhith ga innse. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Chuir iad an it’ ud nam bhonaid, Bha siud dòrainneach lem mhuinntir. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. ’S ma bha, gus nach robh mi deònach, Chàirich iad an cleòc an rìgh mi. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Bidh “recruits” a’ falbh a-màireach, Bidh sinn a’ meàirrdseadh gu Lìte. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Dìreadh ris na beanntan àrda, Donnchadh Bàn ’s a chùl ri Ìle. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Dìreadh ris na beanntan Diùrach, ’S mòr mo shùil às dèidh nan nìghneag. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Bheir soraidh bhuamsa gu Màiri, Gur i as cràitich’ dh’fhàg mi ’s tìr sa. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. ’S truagh nach mi bha leat an Èirinn, Bàta rèidh ’s an t-airgead rìgh leat. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh, Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Soirbheas gaoth a deas nar dèidh, ’S gheibhinn gu seabhach Caol Ìle. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Nuair thog sinn ar siùil ri crannaibh, A Rìgh! Bu shalach an oidhche. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. Bha sinn ga ruith le cruinn rùisgte, Cha ghiùlaineadh i siùil chinn dhuinn. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh, Hòireann ò ’s mi trom gu dìreadh. Hì o hò tha mi fo lionn-dubh. [NOTE: Cf. ‘Songs remembered in exile (John Lorne Campbell ed. p.105] 01:18:00 [MP:] (lines omitted from recording) Màiri Dhonn, bhòidheach dhonn. Dh’èirich mise moch Diluain, Bha i fuar ’s i na frasan; Botal rum’ agam nam dhòrn, ’S olc an spòrs Coire Bhreacain. Màiri Dhonn, bhòidheach dhonn, Màiri Dhonn, thill thu dhachaigh; Gruagach òg a’ chùil duinn, Dh’èireadh m’ inntinn rid fhaicinn. Thàinig an Caiptean mun cuairt, Botal fìona na achlais; “’Illean, òlaibh dheth ur leòr, ’S cumaibh ur cuid seòl gun sracadh. Màiri Dhonn, bhòidheach dhonn, Màiri Dhonn, thill thu dhachaigh; Gruagach òg a’ chùil duinn, Dh’èireadh m’ inntinn rid fhaicinn. ’S gura toigh leam fhìn fear òg Nach bi connsradh ri Chaiptean, Chumadh mo Mhàiri air dòigh Às a’ cheò mach o Cheannsar (“Chancer”) Màiri Dhonn, bhòidheach dhonn, Màiri Dhonn, thill thu dhachaigh; Gruagach òg a’ chùil duinn, Dh’èireadh m’ inntinn rid fhaicinn. ’S ged tha mise nochd cho tinn, ’S cùl mo chinn ris na leacan; Bha mi raoir san taigh-òst’, A’ cluich m’ òr air na cairtean. Màiri Dhonn, bhòidheach dhonn, Màiri Dhonn, thill thu dhachaigh; Gruagach òg a’ chùil duinn, Dh’èireadh m’ inntinn rid fhaicinn. ’S ged tha mise nochd cho tinn, ’S cùl mo chinn ris na leacan; Bha mi reimhid muigh air falbh, Air an fhairge ga marcachd. Màiri Dhonn, bhòidheach dhonn, Màiri Dhonn, thill thu dhachaigh; Gruagach òg a’ chùil duinn, Dh’èireadh m’ inntinn rid fhaicinn. Nuair a rachainn-sa gu fèill, ’S e do bhrèid thigeadh dhachaigh Topsail ùr dìonach dlùth, Ged chosgadh e crùn an t-slata. Màiri Dhonn, bhòidheach dhonn, Màiri Dhonn, thill thu dhachaigh; Gruagach òg a’ chùil duinn, Dh’èireadh m’ inntinn rid fhaicinn. Dol seachad air Liverpool, Bha i ròladh ’s a’ laiseadh; Chluinnte faram a cuid crann, Fada thall ann an Sasainn. Màiri Dhonn, bhòidheach dhonn, Màiri Dhonn, thill thu dhachaigh; Gruagach òg a’ chùil duinn, Dh’èireadh m’ inntinn rid fhaicinn. Dol seachad Rubha [Lite/?], ’S ioma gunna caol a las iad Leig mo Mhàiri siud ma cluais Ghabh i ’n cuan a bha farsainn. Màiri Dhonn, bhòidheach dhonn, Màiri Dhonn, thill thu dhachaigh; Gruagach òg a’ chùil duinn, Dh’èireadh m’ inntinn rid fhaicinn. 01:21:09 [MP:] ’S nach truagh leat fhèin hùg ò Bean ga bàthadh hùg ò Cha truagh, cha truagh, hao ri ibh o ’S beag mo chàs dhi hùg ò. Cha truagh, cha truagh, hùg ò ’S beag mo chàs dhi hùg ò ’S ann a bhios mi, hao ri ibh o ’Nochd nad àite hùg ò. ’S ann a bhios mi, hùg ò ’Nochd nad àite hùg ò Nad phlaideachan hao ri ibh o Mìne, bàna hùg ò. Nad phlaideachan hùg ò Mìne, bàna hùg ò. Ach ma bhios tu hao ri ibh o ’Nochd nam àite hùg ò. Ach ma bhios tu hùg ò ’Nochd nam àite hùg ò Bheir an aire hao ri ibh o Dham chuid pàistean hùg ò. Bheir an aire hùg ò Dham chuid pàistean hùg ò Fear dhiubh bliadhna hao ri ibh o Fear dhiubh ràithe hùg ò. Fear dhiubh bliadhna hùg ò Fear dhiubh ràithe hùg ò ’S fear eile dhiubh hao ri ibh o ’N aois a thàlaidh hùg ò. ’S fear eile dhiubh hùg ò ’N aois a thàlaidh hùg ò Ach Iain bhig hao ri ibh o Laoigh do mhàthar hùg ò. Ach Iain bhig hùg o Laoigh do mhàthar hùg ò Iarraidh tu nochd hao ri ibh o Gaol do mhàthar hùg ò. Iarraidh tu nochd hùg ò Gaol do mhàthar hùg ò Ach ma dh’iarras hao ri ibh o ’S beag as fheàrrd’ thu hùg ò. Ach ma dh’iarras hùg ò ’S beag as fheàrrd’ thu hùg ò Gun tig m’ athair hao ri ibh o Seo a-màireach hùg ò. Gun tig m’ athair hùg ò Seo a-màireach hùg ò Gheibh e mise hao ri ibh ò Air mo bhàthadh hùg ò. . Gheibh e mise hùg ò Air mo bhàthadh hùg ò (Ends 01:25:28) ’S a chuthag nam beann, O hao ri iù, Nach truagh leat mo chlann, O hao ri o ho ro, hao ri iù. Nach truagh leat mo chlann, O hao ri iù, Tè eile nan ceann, O hao ri o ho ro, hao ri iù. Tè eile nan ceann, O hao ri iù, Bidh buille san làimh, O hao ri o ho ro, hao ri iù. Bidh buille san làimh, O hao ri iù, Buill’ eil’ anns a’ cheann, O hao ri o ho ro, hao ri iù. Buill’ eil’ anns a’ cheann, O hao ri iù, ’S an cridheachan fann, O hao ri o ho ro, hao ri iù. ’S an cridheachan fann, O hao ri iù, Cha tug mi sin riamh, O hao ri o ho ro, hao ri iù. Cha tug mi sin riamh O hao ri iù, Do dhuin’ airson Dia, O hao ri o ho ro, hao ri iù. Do dhuin’ airson Dia, O hao ri iù, Ach boiseag dhen t-sìol, O hao ri o ho ro, hao ri iù. Ach boiseag dhen t-sìol, O hao ri iù, Ceann-carrach a linn, O hao ri o ho ro, hao ri iù. Ceann-carrach a linn, O hao ri iù, Chuid bu taine dhen mhìn, O hao ri o ho ro, hao ri iù. Chuid bu taine dhen mhìn, O hao ri iù, Nan tiginn-sa beò, O hao ri o ho ro, hao ri iù. Nan tiginn-sa beò, O hao ri iù, Gun riaghlainn gu leòr, O hao ri o ho ro, hao ri iù. Gun riaghlainn gu leòr, O hao ri iù, De dh’airgead ’s de dh’òr, O hao ri o ho ro, hao ri iù. ’S de bhainne nam bò, O hao ri iù. (Ends 01:28:40) [NOTE: Cf. ‘Songs remembered in exile’ (John Lorne Campbell ed. ) p. 108] END OF TAPE