GU_CIN_MacLeod_03 transcription 00:00:00 Start omitted. Contributor: FMN = Frank MacNeill [FMN:] ... fear òg a’ chùil duinn A chuir an truim seo fo m’ aigne. Gun do bhruadail mi raoir Thus’ a luaidh a bhith agam, Ann an leabaidh chaoil mhìn ’S tu bhith sìnt’ ann am ghlacaibh. Ach nuair thionndaidh mi null Bha do rùm-sa fuar falamh; Gun do shil air mo shùil Gum b’ fhada rùin thu bhom shealladh. A dheagh MhacNeachdain an Dùin ’S tu o thùr nan àrd-bhaideal; ’S fhad o dhearbhainn do chùl A’ dìreadh stuc agus chreagan. Led ghunna, led chù Led cheum lùthmhor mar ghaisgeach, ’S led chuilbhear caol ùr ’S e nach diùltadh dhut sradan. Leam bu mhìlse do phòg Na mil shòghail [NOTE: shòigheil sung here] nam beachdan, Na ubhal nan craobh Gum bu chaoine leam d’ anail. ’S math thig bonaid ghorm ùr Air do chùl bòidheach dathte; ’S math thig dag’ dhut ’s sgian ’S claidheamh geur guineach sgaiteach. An tè thug bhuamsa m’ fhear fhèin ’S a chuir na creuchdan nam aisridh; Nar [NOTE: ‘Nuair a faicear’ sung here] am faicear ort brèid Là a fèille no clachain. Nar [NOTE: ‘Nuair a faicear’ sung here] am faicear do chlann A’ dol a theampall a’ bhaistidh, Ach gan càireadh san uaigh ’S tu bhith buan dheth gun mhacain. Gum bi leac shleamhainn rid bhonn Talamh tollta fod chasan, Is boinne snighe fliuch fuar A bhith mu bhruachan do leapa. Mar a b’ e do dhroch bheus Bu mhòr leam fhèin sin a thachairt; ’S ged is cruaidh e ri ràdh ’S i ’n aona mhàthair a bh’ againn. Tha ’n oidhche nochd fuar Och mo thruaighe gur fad i; Ged tha càch na sìor shuain Gur beag mo luaidh-sa ri cadal. Ends 00:02:43 [NOTE: Cf. text in ‘Gaelic Songs in Nova Scotia’ p.108] 6 seconds of unusable material 00:02:43 Contributor: HFM = Hugh F. MacKenzie [HFM:] An dèidh dhomh dùsgadh sa mhadainn Fhuair mi sgeul às an Apainn às ùr; Chuir siud smuaintean air m’ aigne ’S cha ghluais mi an cabhag le sunnd. Dh’fhàg e eallach air m’ inntinn Nach urrainn mi dh’ìobradh air còir; ’S ged a thèid mi dom leabaidh Chan fhaigh mi ann cadal le bròn. ’S beag an t-iongnadh dhomh fhèin siud Gun tug i gu lèir bhuam mo chridh’. Chan eil fo na speuran A bheir mi às m’ euslaint ach i. ’S mi gun d’ rachadh do Shasainn, ’S air astar na b’ fhaide gun sgìths; Dh’iarraidh furan do phòige Och nan och! ’S e mo leòn bhith gad chaoidh. Ends 00:04:22 Unusable material 00:04:22 - 00:04:26 [HFM:] Tha mi fo lionn-dubh ’s mi ’m ònar. Tha mi sgìth ’s mi ’n dèidh mo leònadh. Tha mi fo lionn-dubh ’s mi ’m ònar. Dh’èirich mi moch madainn Dòmhnaich. Tha mi fo lionn-dubh ’s mi ’m ònar. Tha mi sgìth ’s mi ’n dèidh mo leònadh. Tha mi fo lionn-dubh ’s mi ’m ònar. Chunna mi do bhàt’ a’ seòladh. Tha mi fo lionn-dubh ’s mi ’m ònar. Tha mi sgìth ’s mi ’n dèidh mo leònadh. Tha mi fo lionn-dubh ’s mi ’m ònar. Cha b’ ann don Fhraing no dhan Òlaind. Tha mi fo lionn-dubh ’s mi ’m ònar. Tha mi sgìth ’s mi ’n dèidh mo leònadh. Tha mi fo lionn-dubh ’s mi ’m ònar. Air Dùn Bheagain leag i còrsa. Tha mi fo lionn-dubh ’s mi ’m ònar. Tha mi sgìth ’s mi ’n dèidh mo leònadh. Tha mi fo lionn-dubh ’s mi ’m ònar. Ends 00:05:51 [NOTE: Cf. ‘Gaelic Songs in Nova Scotia’ p.147] 00:05:51 - 00:05:55 unusable 00:05:55 [HFM:] Gu bheil mi ’m ònar sa choille ghruamaich Mo smaointean luaineach, cha tog mi fonn: Fhuair mi an t-àite seo ’n aghaidh nàdair, {Gun / Gun do} thrèig gach tàlant a bha nam cheann. Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann, Nuair nì mi tòiseachadh bidh mi trom; Chaill mi a’ Ghàidhlig seach mar a b’ àbhaist dhomh, Nuair a bha mi san dùthaich thall. Ends 00:06:36 00:06:36 – 00:06:40 unusable [HFM:] Hò rò ’s na hù ò Falbh o ho rò nàillibh Hò rò ’s na hù ò Gur e mis’ tha fo mhulad ’S mi air tulaich na h-àirigh. Hò rò ’s na hù ò Falbh o ho rò nàillibh Hò rò ’s na hù ò. Mi ri coimhead na mara A’ cur thairis a’ bhàta. Hò rò ’s na hù ò Falbh o ho rò nàillibh Hò rò ’s na hù ò. Mi ri coimhead nan gillean Air an linne gam bàthadh. Hò rò ’s na hù ò Falbh o ho rò nàillibh Hò rò ’s na hù ò. Mo thriùir bhràithrean ann ’s m’ athair Fear mo thaighe ’s e a chràidh mi. Hò rò ’s na hù ò Falbh o ho rò nàillibh Hò rò ’s na hù ò. Bàs Aonghais à Barraigh Gur e a sgar is a chràidh mi. Hò rò ’s na hù ò Falbh o ho rò nàillibh Hò rò ’s na hù ò. Ends 00:08:27 [NOTE: See ‘Gaelic Songs in Nova Scotia’ p.132] 00:08:27 – 00:08:31 unusable 00:08:31 [(Mrs) HFM:] Mi ’m shuidhe seo ’m ònar air còmhnard an rathaid Feuch am faic mi fear fuadain a’ tighinn o chruachan a’ Cheathaich. Feuch am faic mi fear fuadain a’ tighinn o chruachan a’ Cheathaich. Bheir dhomh sgeul air Clann Ghriogail no bheil fios cò ’n taobh ghabh iad. Bheir dhomh sgeul air Clann Ghriogail no bheil fios cò ’n taobh ghabh iad. ’S iad bu chuideachadh dhòmhsa Didòmhnaich sa chaidh. ’S iad bu chuideachadh dhòmhsa Didòmhnaich sa chaidh. Thall ’s a-bhos mu Loch Fhìne mas fìor mo luchd brath ann. Ends 00:09:32 [NOTE: Cf. ‘Gaelic Songs in Nova Scotia’ p.168] 00:09:32 - 00:09:35 unusable 00:09:35 [HFM:] ’S uallach mo cheum gu Bràigh Gharaidh, Cuachag a’ chruidh ’s i gun leannain, ’S uallach mo cheum gu Bràigh Gharaidh Gur e mise tha gu cianail Air Loch Leamhainn bha mi ’g iasgach; Gun do shiab a’ ghaoth an iar sinn, Cha tèid i ’m-bliadhna leam fairis. ’S uallach mo cheum gu Bràigh Gharaidh, Cuachag a’ chruidh ’s i gun leannain. ’S uallach mo cheum gu Bràigh Gharaidh. Gur e mise tha fo mhì-ghean ’S mi seo anns an tìr mar chìobair, Ach nan tigeadh soirbheas dìreach, Bhithinn-sa sìnte rim leannan. ’S uallach mo cheum gu Bràigh Gharaidh, Cuachag a’ chruidh ’s i gun leannain, ’S uallach mo cheum gu Bràigh Gharaidh. Ends 00:10:44 [NOTE: See ‘Gaelic songs in Nova Scotia’ p.162] 00:10:44 – 00:10:46 unusable 00:10:46 [HFM:] Gura mis’ tha gu truagh dheth Cha dèan [nuallan/?] dhomh feum; ’S mi nam shìneadh sa bhuachar Cha sheas mi suas gun mi treun. Laoigh’s aighean mun cuairt domh Cha chluinn mi fuaim ach [XX][XX]; Nuair a bhitheamaid air buaile Rìgh! Gum b’ uallach ar ceum. Tha mi ’n-diugh [de na fearaibh/?] Chùm nam chaithris mi raoir. ’G èisteachd pìob ’s i gu [XX] Agus caithream na h-oidhch’. [XX] mi ’n-diugh anns an leabaidh ’S mise fann is gun ghreim; B’ fheàrr leam riaghladh na caillich Ged chaill i tapachd ’s a sgoinn. Ends 00:11:41 00:11:41- 00:11:44 unusable [HFM:] Thug mi rùn ’s chuir mi ùidh, San tè ùir a dh’fhàs tlàth. Maighdeann chiùin dhan tig gùn, Cha b’ e an t-iongnadh leam d’ fhàilt’. ’S ann an Grùlainn fon sgùrr, Tha mo rùn gabhail tàmh. Maighdeann ùr a tha ciùin, ’S i mo rùn-sa thar chàich. Thug mi rùn ’s chuir mi ùidh, San tè ùir a dh’fhàs tlàth. Maighdeann chiùin dhan tig gùn, Cha b’ e an t-iongnadh leam d’ fhàilt’. Tha do shlios mar chanach lòin, No mar eala òg air tràigh. Gruaidh is deirge na ròs; Beul as bòidhche nì gàir’. Thug mi rùn ’s chuir mi ùidh, San tè ùir a dh’fhàs tlàth. Maighdeann chiùin dhan tig gùn, Cha b’ e an t-iongnadh leam d’ fhàilt’. Ends 00:13:00 00:13:00-00:13:04 unusable [HFM:] Hug òireann ò ro bha hò, Nighean donn bhòidheach; Hug òireann ò ro bha hò. ’S mithich dhòmhsa bhith gluasad, Agus duan thoirt air òran. Hug òireann ò ro bha hò, Nighean donn bhòidheach; Hug òireann ò ro bha hò. Feuch an seinn mi do bhuaidhean Bhon a fhuair mi ort eòlas. Hug òireann ò ro bha hò, Nighean donn bhòidheach; Hug òireann ò ro bha hò. ’S e do chòmhradh glan suairc, A chuir na h-uaislean an tòir ort. Hug òireann ò ro bha hò, Nighean donn bhòidheach; Hug òireann ò ro bha hò. [B’ eòl/?] gum b’ annsa bhith gad èisteachd Nuair a ghleusadh tu ’n t-òrgan. Hug òireann ò ro bha hò, Nighean donn bhòidheach; Hug òireann ò ro bha hò. Ceòl milis, glan, dìomhain Air a dhèanamh le as meòirean. Hug òireann ò ro bha hò, Nighean donn bhòidheach; Hug òireann ò ro bha hò. Ends 00:14:53 [HFM:] ’Ille dhuinn hò gù, ’Ille dhuinn hò rò; ’Ille dhuinn hò gù. ’Ille dhuinn an leadain tlàith ’S e do ghràdh rinn mo leòn. ’Ille dhuinn hò gù, ’Ille dhuinn hò rò; ’Ille dhuinn hò gù. Ends 00:15:28 [HFM:] Hò hi rìthill o bha hò. Hò hi rìthill o bha hò. Hao rithill hog i ò, Mo chridhe trom ’s cha neònach. Dh’èirich mise moch Diardaoin; Dhìrich mi suas beinn an fhraoich, Feuch ’n do dh’atharraich a’ ghaoth, Nam b’ fhaod mo ghaol bhith seòladh. Hò hi rìthill o bha hò. Hò hi rìthill o bha hò. Hao rithill hog i ò, Mo chridhe trom ’s cha neònach. ’S ann air long nan crannan àrd Tha mo ghaol a’ gabhail tàmh Aig a bheil an inntinn àrd ’S a fhuair mo làmh gun sòradh. Hò hi rìthill o bha hò. Hò hi rìthill o bha hò. Hao rithill hog i ò, Mo chridhe trom ’s cha neònach. Ends 00:16:46 00:16:46 [HFM:] An long a b’ ainmeile a bh’ anns an uair, ’S a chaidh bhàrr bhàrr-stoc gu siubhal cuain; Le ceud gu leth òigear bha deas is cruaidh, ’S a bhàta deas fòghlaimt’ gu siubhal cuain. There was a ship and a ship of fame, Launched off the docks and bound for the main; With a hundred and fifty of brisk young men, Which were picked and chosen in every one. Ends 00:17:37 [NOTE: See ‘Gaelic Songs in Nova Scotia’ p.120] 00:17:37 [HFM:] ’S toigh leam fhìn mo chruinneag ghuanach, ’S toigh leam fhìn i ò hi rì o, ’S mi ’n dùil gur mi nì do bhuannachd; ’S toigh leam fhìn mo chruinneag ghuanach. Gura h-e mo ghaol mo leannan; Gur i banarach na buaile. ’S toigh leam fhìn mo chruinneag ghuanach, ’S toigh leam fhìn i ò hi rì o, ’S mi ’n dùil gur mi nì do bhuannachd; ’S toigh leam fhìn mo chruinneag ghuanach. Gura h-òg a thug mi ’n gaol dhut ’G iomain a’ chrodh-laoigh ’s gun uallach. ’S toigh leam fhìn mo chruinneag ghuanach, ’S toigh leam fhìn i ò hi rì o, ’S mi ’n dùil gur mi nì do bhuannachd; ’S toigh leam fhìn mo chruinneag ghuanach. Ends 00:18:41 00:18:41 [HFM:] Ars’ an gille “’s tu mo laochan;” An gille dubh cridheil gaolach. Ars’ an gille “’s tu mo laochan.” Tha mise seo aig [Loch Ruaidhe/?] ’S am mulad gam bhualadh daonnan. Ars’ an gille “’s tu mo laochan;” An gille dubh cridheil gaolach. Ars’ an gille “’s tu mo laochan.” H-uile banntrach anns an dùthaich, Dol gu cùirt am Beinn na Foghla Ars’ an gille “’s tu mo laochan.” Ends 00:19:35 00:19:35 [HFM:] O hao o nighean dubh nighean donn, Hao a rì nighean donn bhòidheach. O hao o nighean dubh nighean donn. Mo nighean donn a dh’fhàg an dùthaich Thug thu air mo shùilean dòrtadh. O hao o nighean dubh nighean donn, Hao a rì nighean donn bhòidheach. O hao o nighean dubh nighean donn. A nighean donn a’ bhroillich chàilear Dhèanainn coinneamh riut Didòmhnaich. O hao o nighean dubh nighean donn, Hao a rì nighean donn bhòidheach. O hao o nighean dubh nighean donn. Ends 00:20:28 00:20:28 [HFM:] [Peadaidh/?] buidh’ an-dràsta gun tàth aige a dhol a-mach, A thogail a’ bhuntàta ’s a chàradh far bheil e lag. Thàinig na Mohawks ’s iad cho dàna ’s {gun / gun do dh’} iarr iad air, “Bushel” dhen bhuntàta ’s gum pàigheadh iad e air ais. Seinn airidh o horo Seinn ò, seinn ò Seinn airidh o horo Seinn horò nàillibh. Murchadh Buidh’ ag èigheach gu h-àrd air mullach nan cnoc Labhair e ri Gabriel “’S feàrr dhut fuireach air ais” Chunnaic mise dhà dhiubh am bràigh a’ bhail’ againn fhìn Gillean Dhòmhnaill Ruaidh ’s iad gam fuadach a-mach o thìr. Seinn airidh o horo Seinn ò, seinn ò Seinn airidh o horo Seinn horò nàillibh Ends 00:21:15 00:21:15 [HFM:] Carson nach tòisichinn sa champa Far {na / an do} dh’fhàg mi clann mo ghaoil? Thog sinn taighean-samhraidh ann Le barrach mheang nan craobh. Bu solas uaibhreach, ceannard, A bhith gluasad ri uchd nàimhdean ann, ’S a dh’aindeoin luaidh a Fhrangach B’ adhbhar dannsa bhith rid thaobh. Cha chualas ri linn seanchas Ann an cogadh arm nan strì, Còig mìle deug cho ainmeil ribh A tharraing airm fon rìgh; B’ adhbhar cliù an treun-fhear Albannach A fhuair a’ chùis an earbsa ris Nach cùbairean a thearbadh leis, Thoirt gnìomh nan arm gu clì. Ends 00:22:18 [NOTE: From ‘Blàr na h-Eipheit’ le Alasdair MacFhionghain 1770-1814. See ‘Bàrdachd Ghàidhlig’.] [Mrs HMK:] 00:22:18 Seo dùthaich a’ mhulaid Tha gach duine fo ghruaim; Mu na dh’fhalbh air an turas Gu iomain nan stuagh. Na fir fhoghainteach ghasta Modh a chleachd sibh am measg sluaigh; Tha ur càirdean gu galach Sibh bhith fo chaidreamh a’ chuain. Mu chiaradh an fheasgair ’S mi nam sheasamh leam fhìn; Chualas fuaim ’s cha bu bheag e B’ adhbhar eagail an gnìomh. Soirbheas cruadalach, seasmhach Tighinn on deas, chan ann clì; Chuir siud crìoch air na fearaibh Dh’fhàg an cala seo shìos. Mu fheasgar Disathairn’ ’S mi ri gabhail an rathaid; Chunna mi bàt’ a’ dol seachad Gun chrann, gun acair, gun seòl. Ri iomain gu [XX] ’S a’ sracadh a beòil; Gun robh an t-òganach sàr-mhath Air a’ chlàr ’s e gun deò. Ach a Dhòmhnallaich ghasta ’S e cho fad ’s a tha mi ’n-dràst’; Gun teannadh rid mholadh-sa Air thoiseach air càch. Bha thu shìol nam fear fearail Mach à Barraigh an tràigh; A thogadh siùil ri croinn gheala Nuair nach caraicheadh càch. Ends 00:23:57 [HMK:] Faill ò ro faill ò ro Faill ò ro hug èile Faill ìll èileadh ò Agus hò rò hug èile Faill ò ro faill ò Agus hò ro hug èile Chan fhaigh mi ’n cadal sunndach A rùin gun thu rèidh rium. Tha ’n oidhche nochd fliuch, fuar, ’S mi ri uallach mo chèile, Cha sheas i ri mo ghualainn, Gun d’ fhuair mi droch sgeula; Cha tèid i leam den tuasaid, No dh’uaigneas le chèile, ’S chan urrainn mi cur bhuam, On fhuair mi on chlèir i. Faill ò ro faill ò ro Faill ò ro hug èile Faill ìll èileadh ò Agus hò rò hug èile Faill ò ro faill ò Agus hò ro hug èile Chan fhaigh mi ’n cadal sunndach A rùin gun thu rèidh rium. Ends 00:25:19 [See: ‘Gaelic Songs in Nova Scotia’ p.170] 00:25:19 [Man 1] ’S mise tha gu tùrsach A’ caoidh cor mo dhùthcha ’S nan seann daoine cùirteil Bha cliùiteach is treun. Rinn uchdarain am fuadach Gu fada null air chuantan ’S am fearann chaidh thoirt bhuap’ Chaidh thoirt suas dha na fèidh. B’ e sin a’ chulaidh-nàire A bhith faicinn daoine làidir Gam fuadach thar sàile Mar bhàrlaich gun fheum. Am fonn a bha àlainn A chaidh fo chaoraich bhàna An fheanntag anns a’ ghàrradh ’S an làrach fo fheur. Far an robh mòran dhaoine Lem mnathan is len teaghlaich. Chan eil ach caoraich mhaola Ri fhaotainn nan àit’. Chan fhaicear air a’ bhuaile A’ bhanarach le buarach No idir an crodh guaillfhionn ’S am buachaille bàn. Tha ’n uiseag anns na speuran A’ seinn a luinneag gleusta Gun duin’ ann ga h-èisteachd Nuair dh’èireas i àrd. Cha till, cha till na daoine A bha measail agus cliùiteach Mar mholl ri latha gaoith’ Chaidh an sgaoileadh gu bràth. Ends 00:27:02 [Man 1] Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Illean na bi gruaim ort Ma bhuannaich thu nighean chruinn Thog an t-siùil a chuireamaid innt’ Rug [XX] gu [XX] i. Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Illean na bi gruaim ort Ma bhuannaich thu nighean chruinn Moladh is fad-saoghail Bhith aig an t-saor a dh’fhuaigh i. Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Illean na bi gruaim ort Ma bhuannaich thu nighean chruinn Rinn e dìonach socair i ’S {gun / gun do} dh’fhàg e làidir luath i. Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Illean na bi gruaim ort Ma bhuannaich thu nighean chruinn Aodann air na [tonnan/?] ’S gum pronnadh i muir uain’ ann. Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Illean na bi gruaim ort Ma bhuannaich thu nighean chruinn Thog iad feadh a’ bhaile orm Gur leannan dhan tè ruaidh mi. Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Illean na bi gruaim ort Ma bhuannaich thu nighean chruinn Ach nan dèante fìrinn dheth Gun cuirinn cìr na cuailean. Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Illean na bi gruaim ort Ma bhuannaich thu nighean chruinn Chuirinn gùn is cleòcannan, An còmhdach mo bhean-uasal. Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Illean na bi gruaim ort. Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Ille na bi dòrainn ort Cha tochradh chumas bhuat i. Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Illean na bi gruaim ort Ma bhuannaich thu nighean chruinn Bheir mi bò is laogh dhut Gun toir mi caora ’s uan dhut. Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Illean na bi gruaim ort Ma bhuannaich thu nighean chruinn Bheir mi làir is searrach dhut An taobh is fheàrr na bhuaile. Ma bhuannaich thu nighean chruinn ’Illean na bi gruaim ort Ma bhuannaich thu nighean chruinn [NOTE: The first line of the chorus is sung by other singers as ‘Ma bhuannaich thu nighean ghrinn’, but the singer here seems to be singing ‘chruinn’ rather than ‘ghrinn’.] Ends 00:29:39 [Man 1] Co-dhiù thogainn fonn mo leannain Anns gach àit’ san òl mi ’n drama. Co-dhiù thogainn fonn mo leannain. Saoilidh tè ma bhios i bòidheach ’S a gruaidhean air dhath nan ròsan Nach eil cùram dhith nach pòs i Teanga beò mar ghath na nathrach. Co-dhiù thogainn fonn mo leannain Anns gach àit’ san òl mi ’n drama. Co-dhiù thogainn fonn mo leannain ’S bòidheach nìghneagan Dhùn Èideann Len òrgan ’s len òrain Bheurla. ’S mòr gum b’ annsa leam bhith ag èisteachd Geumraich na sprèidh aig a’ bhaile. Co-dhiù thogainn fonn mo leannain Anns gach àit’ san òl mi ’n drama. Co-dhiù thogainn fonn mo leannain ’S bòidheach nìghneagan Chinn [Ile/?] Air an dreasadh anns an t-sìoda Eadhon is na th’ oirbh dhen rìomhadh Cha tèid mi leibh am falach. Co-dhiù thogainn fonn mo leannain Anns gach àit’ san òl mi ’n drama. Co-dhiù thogainn fonn mo leannain Cuts out at 00:30:58 Silence to 00:31:08 AG = Alison Grant MMK = Mr MacKenzie CG = Clare/Claire Gillies/Gillis VM = Vera MacDonald BM = Bunnie MacLeod [AG:] Good morning. I have what I think is a treat for you this morning. You’re going to hear the skirl of the pipes. But then I have Scotch blood in my veins. Maybe that’s why I think it’s special. I have the Gaelic College, Sydney, Girls’ Pipers’ Band right here, and they have their pipes and drums with them, ready to burst into music any moment, and their director the Rev. A.W.R. MacKenzie is here too, and their instructor Danny MacIntyre. So first we’ll have a little taste of their music, and I’ll tell you more about these girl pipers later. Now this is their theme song “Bonnie Dundee” (Ends 00:32:35). Now I’m going to ask the Rev. Mr MacKenzie, their director, about this band. He has the School of Piping at the Gaelic College at St Anne’s. You’re the director and organizer of the Gaelic College at St Anne’s aren’t you, Mr MacKenzie? [MMK:] Yes. I have been director of the Gaelic College and the Gaelic Mòd for fifteen years. [AG:] You teach other things besides piping at your college don’t you? [MMK:] Yes. We have a School of Gaelic, School of Highland Folk Art, School of Clan Lore, and a School of Handcraft. [AG:] Now, how many piping instructors do you have? [MMK:] We have five piping instructors and three drumming instructors. [AG:] And how many students would you have there? [MMK:] At our summer school at St Anne’s this summer, we had one hundred and twelve, and at our winter school in Sydney two hundred and sixty six. [AG:] Well, that is a large number of students. We’ll be having a great number of pipers who were there at times. And now about these girls. They’re all here in front of me, and a bonnie lot they are. There are twenty-two in the band, all in Highland costume, and they range in age from about eight or nine to sixteen years old. And they have velvet jackets that are called doublets, and tartan skirts are the kilts. And each has a sporran attached to the belt, and they have white frilly lace jabots or lace fronts under those jackets or doublets, and they have white lace ruffles at their wrists. And their hats, I mustn’t forget them. They’re velvet berets, and they have a feather in the front, or two feathers, a white and a black feather, and the hats are called Balmorals. And now, they’re going to play “The 43rd Highlanders” for you. Tune played by band – “The 43rd Highlanders”. [NOTE: This tune is more commonly known as “Corriechoillie’s Welcome to the Northern Meeting] (Ends 00:35:57) This band, I notice, has four kinds of instruments – the pipes, the big bass drum, and the side drum and the tenor drum. So now, I thought you might like to hear how they sound separately. Now first, one of the pipers will play a few bars on the pipes. So here are the pipes alone. (A few bars of “Highland Laddie” on the pipes) Now here are the pipes with the side drum added. (A few bars of “Highland Laddie” on the pipes and side drum.) Did you hear that drum? Now here are the pipes with the tenor drum. (A few bars of “Highland Laddie” on the pipes and tenor drum) I’m sure you heard that tenor drum. Now here are the pipes with all three drums. (A few bars of “Highland Laddie” on the pipes and all three drums.) Now this band, besides having a director and instructor, has two Pipe Majors, and I’m going to ask both of those Pipe Majors some questions. So here’s the first one. What is your name? [CG:] Clare Gillies/Gillis [AG:] Clare Gillies/Gillis. And why are you called the Pipe Major Clare? [CG:] Well I took school examinations and I became one of the leaders of the band. [AG:] Now, what is your name? [VM:] Vera MacDonald [AG:] You’re the second Pipe Major. And could you tell me Vera, just how those pipes really work. Does it take a lot of hard work to play them? [VM:] No, the only part is blowing them up. And they consist of the chanter which contains the reed and the holes, and there’s the bag into which the air goes, and there’s three drones and in these three drones there are three reeds which carry the sound of the pipes. [AG:] Now, the chanter is that sort of short pipe with the little holes, and that is the place where your fingers do all that work as you are playing. And each pipe has how many different ... how many pipes coming from it. I mean, how many pipes in the lot? Four? Four pipes and the bag. [VM:] Yes. [AG:] I know there’s ... the bag at the end of your pipes are different coloured tartans too aren’t they? Now, you have some medals there on your chest, or your doublet. Clare, what are they for? [CG:] I won them for dancing and piping at the Gaelic Mòd. [AG:] You dance Highland dances, besides playing the pipes. Now, where has your band played besides in Cape Breton, Vera? [VM:] We have played at New Glasgow, Prince Edward Island, Antigonish and Chicago, at the Ninth International Convention. [AG:] The Lions Club of Sydney and New Waterford sponsored that trip. [VM:] Yes. [AG:] Did you have a nice time there? [VM:] Yes, we had a wonderful time. [AG:] Were you ... were you on television when you were in Chicago? [VM:] Yes. [AG:] Did you enjoy that? [VM:] Did we ever…? [AG:] Well now the girls are going to play the “Hundred Pipers” for us. That’s a lively piece. (Ends 00:40:40) Now I thought you might like to talk to the youngest girl in the band, and she’s a bonnie one indeed with blonde curls. And what is your name? [BM:] Bunnie MacLeod [AG:] Bonnie MacLeod? [BM:] Bunnie. [AG:] Bunnie. Well it might be either one. Now, how old are you? [BM:] Nine. [AG:] How long have you been playing these pipes? [BM:] I don’t play the pipes. I play the drums. [AG:] O, you play the drums. Now that drum is pretty large for a little girl like you. And how long have you been playing? [BM:] Two years. [AG:] Two years. You began when you were about seven. [BM:] Yes. [AG:] Now, did you go to Chicago too? [BM:] Yes. [AG:] And how long were you there? [BM:] Ten days. [AG:] Ten days. Were you lonesome while you were there? [BM:] No. [AG:] You’d like to go back. [BM:] Yes. [AG:] Well I’m sure you will some day, and I’m sure they’d be glad to have you back there. Were you on television too? [BM:] Yes. [AG:] And now the girls are going to play “The 42nd Highlanders” for you. I’m sure you would like to hear that drum the youngest girl in the band was telling us she played. Band plays “The 42nd Highlanders”. Ends 00:42:34. [AG:] And now we’re going to end with “The Road to the Isles” Band plays “The Road to the Isles”. [AG:] Well how did you enjoy the skirl of the pipes this morning? I’m sure they helped you wash your morning dishes a little faster. This is Alison Grant saying goodbye until tomorrow morning. END OF TAPE