GU_AJ_Smith_15 [MML:] = Mrs MacLean [JG:] = Joe Gillis [SMI:] = Sadie MacIntyre [MrsMD:] = Mrs MacDonald [MrsAM:] = Mrs Angus MacKenzie [JAM:] = John Alec MacKenzie [MMD:] = Michael MacDonald [AJS:] = A.J. Smith (Fieldworker) [MrsAM:] (First line missing) gun othail ’S e ’s fàth dhomh bhith tuiream le truimead an fhuachd. Cha dèan mi car tuilleadh ’s mi ’n-diugh air toirt suas, Le gaoth a’ tuath ’s i reòthta. ’N àm èirigh sa mhadainn gun teine gun tuar, Bidh gaoirean nam [bhonnaibh/?] bheireadh crith air an t-sluagh. ’S e gainnead a’ chonnaidh bh’ oirnn iomadach uair, A thug an droch uair seo oirnne. ’S iomadh là frionasach bh’ agam bha fuar, A chaidh mi dhan choille a ghearradh le tuaigh. Na deòir gu frasach a’ [cathadh/?] lem ghruaidh, ’S nach b’ aithne dhomh bualadh seòlta. A-nis bhon a tha mi air blasadh air aois, M’ aodann air seacadh air choltas an aog. Bhon thrèig mi bhon tapachd a bh’ agam bho thùs, Cha seòl mo shùil ach sgleòta. ’S tha sinne nar breislich le eagal mun sprèidh, Am beagan dhiubh th’ againn gun tèid iad fo fheum. Bidh sgeula na creiche [dhuinn/?] uile-gu-lèir A bhith anns an èis an-còmhnaidh. Tha cruach air a’ mhaisidh a rinn sinn dhuinn fhìn. Chan urrainn dhomh chantail gun tarraing sinn e; Le doimhneachd an t-sneachda falach gach nì, O mhullach ar cinn gu ar brògan. Tha mis’ anns a’ mhonadh a-muigh anns na cùil, Fad’ o gach duine bha cuideachadh leam. B’ e tarraing an eallaich a dh’aindeoin gach cùis, A dh’fhàg mise brùite, leònte. ’S a chàirdean uileag ’s a chuideachd mo ghaoil, Gur tric bha nam chomann gu carthanntach, caomh; Nuair bhitheamaid sa [bharant/?] fo bharran nan craobh, Gun togamaid fonn nan òran. ’S truagh nach robh mise cho math ris na bàird, Bha ’n dùthaich na siorrachd a’ dèanamh nan dàn. Gun tugainn dhaibh iorram a mhaireadh gu bràth Nuair shloinneadh iad bàird gam chòmhradh. I think it is all there. Ends 00:02:56 [AJS:] Cò an fhear a rinn seo, a-nis? Cò an fhear a sgrìobh an t-òran? [MrsAM:] Cò rinn e? Am boireannach a bha siud, piuthar do dh’Iain G. ud, tha iad ag ràdh. She was a MacDonald, ban-Dòmhnallach. Rinn i an t-òran. Bha [XX] mach aigesan a-staigh ’s cha bhiodh e ach gam poiliseachadh a h-uile latha ’s gan cìreadh, ach dh’fheumadh ise dhol a dh’iarraidh a’ chruidh, ’s a dh’iarraidh a’ chonnaidh, ’s a thuirt i: ‘’S e tabhainn an eallaich a dh’aindeoin gach cùis.’ Thug i còig seachdainean ann an seo. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Cà robh an duine a-niste? [MrsAM:] Bha an duine a-staigh agus cha bhiodh ach e fhèin agus Dòmhnall Theàrlaich. Bhiodh e fhèin ’s e fhèin a’ falbh a dh’iarraidh minn. Mas fhìor gun robh minn an àiteigin. Some fragments of conversation (off-mike). ’S bha esan coma. Dh’fhalbhadh e nuair a thigeadh am fear eile. Mach a rachadh e. Dh’fhalbhadh e a dh’iarraidh nam minn san [XX], ’s nuair a thilleadh e bha e anns a’ bhàthaich còmhla ris na h-eich. Sin an dol air n-aghaidh a bh’aca. ’S cha robh teaghlach idir … Cha robh ann ach an dithis aca fhèin ’s bha iad mar a thuirt i: Tha mis’ anns a’ mhonadh a-muigh anns a’ chùil. (Several people talking at once) Òran ann an seo a thug d’ athair. Bha am fear a bha seo, thàinig e a dh’iarraidh fuireach fad a’ gheamhraidh. Bidh mise a’ falbh a h-uile toiseach geamhraidh fhios agad a siud ’s a seo agus thàinig am fear seo gu ’n taigh còmh’ ri mac Alec Dan agus dh’iarr e cead am faodadh e fuireach. Uill, bha mise smaointinn gun robh an duine “alright”. Thug e 52 years a-muigh “west” agus cha robh e ach ann am Piper’s Cove fhios agad. Chan eil … Nuair a thàna mise dhachaigh ’s a dh’fhosgail mi leabhar, coimhead… Wasn’t that cruel. (Comments from listeners off-mike) … tha an taigh beag ud a-muigh làn. That was cruel. …09. That’s over 60 years almost, 9, 10, 11. Tha e air falbh às a chèile. Archie Gillis, Beaver Cove … cho math ’s a bha e gu sgrìobhadh. Bha Seumas math gu sgrìobhadh. Bha. [AJS:] An e fear dhe na càirdean agaibhse a bha sin? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] M’ athair. [AJS:] O d’ athair. 00:05:38 [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Ochòin a Rìgh gura mi tha muladach Nach robh mi thall an Loch Aillse cuide riut, Gillean òg bhiodh ri òl nam buidealan ’S ri gabhail òran ’s bhiodh stop an urr’ againn. Thromaich m’ inntinn, a chiall gur duilich leam Gun fhios gun tàmh anns an àit’ an do chuir iad mi. Cha chluinn mi òran no còmhradh cuideachdail Ach Beurla Ghallta [XX] ceann a h-uile fir. Tighinn a-nuas … now stad a second Tighinn a-nuas, bha i ’n iar-dheas againne B’ e siud mo mhiann-sa bhith triall mar chaitheadh i; A’ togail cùrsa bho chùl nam bancaichean Do [dh’ionnsaigh/?] ’n Laoigh is neo-chinnteach cadal dhuinn. ’S ged thug i [reug/?] ’s ann a thrèig i buileach sinn Le gaoth an ceann orra cheann b’ e ’n [iomain/?] i. A’ falbh gu h-aotrom a’ sgaoileadh iomaodaich ’S ged dh’fhàgte [’n fhairge/?] bha ’n cainb’ glè fhuilingeach. 00:07:05 Tha an sgrìobhadh doirbh a leughadh. O tha e agam co-dhiù. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Uill, chan eil. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Tha e nas fheàrr, cha chreid mi, anns an fhear ud. The writing is hard to read. … speuran ’s a dh’fheumaich cathamh oirnn ’S ann labhair Seònaid, Ochòin bu tapaidh i. Ma mhaireas m’ aodach tha ’n luing-sa mac…. ’S na gabh thu còmh’ rium ’s e smùid na madainne. 00:07:33 Dè bha siud a mìnigeadh? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Seònaid was the name of the boat, I think. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] ’S dè bh’ anns an smùid? (Comments from listeners) … oidhche bu chruinn am baidean sin Cha mhòr bha làthair o [chiùin/?] nam madainn dhiubh. Bha cruinn gan rùsgadh is siùil gan sracadh ann. Bu lìonmhor tè bha gun chèile leapa ann. (Pause) Dè nist tha seo? … a dh’fhalbhas i null air aiseag dhuinn Na dèanar dearmad, bheir sgeul gu Alasdair, Is innis dha gu dè chùm am bacadh oirnn Gun d’ shèid i cruaidh le gaoth tuath ’s clach-mheallain ann. Gur [XX] bha brònach nuair sheòl a’ phacaid bhuainn Nach robh mi pòsta ri [XX] [Matalaidh/?] Bu luaineach m’ fheòil nuair bu bhòidhche sheatadh i Bu… b, h, l, a, … mo shùgradh ma … (Ends 00:08:41) (Up to 00:09:17 the contributor has difficulty in reading the text and begins to spell out single words.) 00:09:17 – 00:09:52 Background comments, and indiscernible private conversation. 00:09:52 Siud òran a rinn Hughie Eairdsidh nuair a phòs a bhràthair-cèile, mas fhìor gun do rinn a bhràthair-cèile e. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Gur e mise tha gu truagh dheth Ciamar bhios mi suas leam fhìn? Gu bheil an saoghal a’ tighinn cruaidh orm On a ghluais thu às an dìg. Bha siud fhios agaibh mar gun do rinn a bhràthair-cèile e, on a dh’fhalbh Mary Ann, fhios agaibh, a’ bhean aig Hughie. Dh’fhàg thu mise seo nam aonar; Siud an rud a leòn mo chridh’. ’S mi gun neach bheir biadh air bòrd dhomh, ’S chan e còcair th’ annam fhèin. … mi fhèin o rinn thu m’ fhàgail Gu bheil mise … gu bheil mise [XX] [XX] (Contributor unsure of words) Air a caochladh seach mar a b’ àbhaist Chan aithnich mi m’ fhàrdach fhèin. (Ends 00:10:59) 10:44.000 --> 10:47.000 Gu bheil mise … [XX] ga leughadh ach nam b' urrainn dhomh copaidh thoirt dhut … An tèid agad air Gàidhlig a leughadh 's a' sgrìobhadh, an tèid? [AJS:] Thèid, thèid. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Uill sgrìobhaidh mi copaidh dhut, fàg an address agam ’s cuiridh mi thugad e. [AJS:] Oh glè mhath. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] That's all I can do. [AJS:] Càite anns an t-seann dùthaich às an tàinig na daoine agaibh pèin? [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Feumaidh gur e Barraigh. [AJS:] Barraigh. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Dè a-nis an suirghe a bhiodh iad a’ dèanamh san àm agaibhse? [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Uh? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Chan eil sibh cus nas sine na mi fhìn ach … an suirghe a bhiodh iad a’ dèanamh an àm m’ athar ’s mo mhàthar. Am biodh iad a’ dèanamh cus a suirghe, ach dìreach an rachadh iad a dh’iarraidh boireannach … [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Bhiodh rèiteach ann fhios agaibh. Ma fhuair e i bhiodh ‘rèiteach’ ann, rud ris an canadh iad “matchmaking”. ‘Rèiteach’. Agus bha an uair sin an oidhche ‘rèiteach’, bha athair-san a’ dol ga h-iarraidh ’s chanadh e: “Thàna mise nochd lem mhac a dh’iarraidh do nighinn, ’s mas e rud a thèid air n-aghaidh tha e glè mhath ’s mura h-e, chan eil àrach air.” Ach chan fhaca mise riamh e, ach chuala mi tric iad ga innse. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Mura còrdadh e ri h-athair, cha ghabhadh (unclear) a pòsadh. Chuala mi sin cuideachd aca. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Saoil am bitheadh? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bha. Bha. Mura còrdadh … mura còrdadh e ris a’ bhodach, chan fhaigheadh an gille a pòsadh.. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] ’S e cho saoghalta … [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] That was true. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Uill, tha siud … tha siud tough, honest. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Cha robh cus de suirghe ann. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Cha robh. (Other inaudible comment.) [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Chuala mi Peadar ag ràdh … athair Jeic, gun robh … gum b’ aithne dhaibh dithis a bha falbh, nighean is gille, ’s thàinig esan an oidhche seo mar gun tigeadh e ann an seo. ’S bha nighean anns an taigh seo shuas, ’s thuirt e ri nighean an taighe ann an seo, mar gun canadh e riumsa, “Thalla thusa suas agus iarr oirre tighinn air chèilidh”, ’s gun rachadh e fhèin dhachaigh leatha. ’S dh’fhalbh i, ’s shuidh i fo chraoibh, ’s dh’fhan i ann a shin gus an saoileadh an duine … gu saoileadh am fear a bha staigh uill ràinig i ’s bhruidhinn i rithe. ’S thill i. Bha i fada gu leòr air falbh is thill i. “Cha b’ e an taing a b’ fheàrr a fhuair mise” ars ise. “Cha tigeadh i no taing air a shon” ars ise ’s gu dè tha ceàrr orm fhìn? Dh’fhàg an duine truagh sin am boireannach sin ’s phòs e an tèile. Chan eil mi creidsinn gun robh siud ceart. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] (off-mike) Bha fear eile shìos an rathad againne ’s bha iad a’ cantail, chan eil fhios a’m an robh sin ceart, is cha robh [noise] cha robh an t-ùrlar uile anns an [lobhta/?] [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Creid nach robh. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] … agus dh’èirich esan uaireigin a choreigin feadh na h-oidhche … a-null chun an rùm aig an nighean agus “miss” e am plank agus sheas e ann am barailte de siabann bog. (Other voices) Cha robh mise ach a’ dol a dh’iarraidh an nighean gus a dhol a dh’ionnsaigh an nighean feuch an rachadh i a dh’ionnsaigh a’ “mheeting” còmhla rium. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] O an duine truagh. Isn’t that … [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] An do dh’inns thu an naidheachd mu dheidhinn an tè a bh’ anns an hotel. (Some off-mike comments and noises. Several speakers.) … ann am Baghasdal. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Chuala. Chuala. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bha e a’ falbh còmhla ris a’ bhean. Cha robh iad pòsta an uair sin. Bha iad a’ cantail gun do rugadh iad, iad ann an rùm ann an hotel. Am Belmont Hotel [XX]. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Sheadh. Is tha sin gu math sean. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Ach co-dhiù, chual’ iad sin ann am Baghasdal ’s chaidh Baghasdal a thaigh an diabhail a’ bruidhinn mu dheidhinn. Agus bha seann bhoireannach ann. Bha i car càirdeach ris an tè seo agus bha [XX] ann. Bha i fàs searbh is iad a’ bruidhinn ’s thòisich i: “Uill” ars ise, “bu chòir an leòm a bhith oirre, ga toirt a-staigh dhan hotel. Nuair a bha sinne òg cha robh iad ach gar draghadh a-staigh fo chraobh is bruis.” (A lot of laughter, clapping and off-mike comments by those present) Ends 00:15:31 00:15:31 to 00:16:00 inaudible [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Sin òran eile a tha san leabhar an àiteigin ann an sin. Tha agus bha a [XX] san leabhar agus cha chuala mise riamh e a’ [XX] aige, gus an cuala mi aig, ’s tha cuimhn’ aig Michael John, nach eil duine an-seo a ghabhas òran? A bheir a chuideachas tu? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Dè an t-òran a bha sin a-nis? [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Chan eil fhios ’am dè an t-ainm a th’ air. […] An aon òran a ghabh [XX], bha [Carl/?], an gille agaibh ann, ’s bha Mary Elizag ann ’s bha Norman ann. […] [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Mrs Dan [Francis/?] agus an dithis a bha [ag òl beer/?] [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] […] [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Do Phàdruig Mac ill’ Eathain leis gach beannachd bho Eòghainn Mac a’ Phì: cha dealaich muir neo monadh air càirdeas a tha […] ’S ann am Boston a bha e. Thug e leabhar do [XX] a ghabh iad [XX]. Sgrìobh e 'n siud e. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Dè an t-òran a bha sin a-rithist? [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] […] [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Dè an t-ainm a bh’ air an òran anns an leabhar sin? [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] An t-Òranaiche. Cha ghabh e faighinn. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Cha ghabh. [Several:] […] [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Càit’ robh iad nuair a bha iad a-muigh? [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Bha iad sa h-uile àite. Bha iad [XX] an àite Mary againne [mostly inaudible until 18:35.000] [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Gu dè am feum a th’ anns an duine sin? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] […] [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] He’s not worth it, he’s not worth it. It’s a pity. ’S e creutair sligeachan, degah phìobair is deagh fhìdhlear. Mac Eòs Pheadair; mac bràthair Jeic. Bha [XX] a’ pòsadh MacPhee […], ’s fhad on dh’eug i. Agus uh … ach chan eil fhios ’am […] [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] ’S ann a tha Eòs fhèin a dol a ghabhail an t-òran. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Dè? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] ’S ann a tha Eòs fhèin a dol a ghabhail an t-òran. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Oh, nis ist. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] [Three hundred and four years/?], ‘Sàr-obair nam Bàrd’ […] agus thug mi air Peter a thoirt leis A' bhanais chridheil […]. Uill, nam biodh tu cho math ’s gun cuireadh tu ’n teine air ’s gun dèanadh tu deagh chupa tì dha na [XX]. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] […] [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Carson? Chan eil an còrr agam a bheir mi dhuibh. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] […] Ò à ì ò ù è [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Èirich is cuir umad ’s tiugainn leam … A’ bhainis chridheil. Rinn e dha … Feumaidh gura h-ann dha na MacFarlanes a rinn e e. Rinn Calum Gillis … ’s e Calum Gillis a rinn e. O tha … ’S toigh leams’ e. Tha e mar a bha Seumas Mìcheil Mhòir … Tha e cho “lively”. Moch Diluain sa o hì Rinn sibh gluasad horò [Thogail/?] Ruairidh o hì Dol air chuairt gu bhith pòst’. Falbh on Èipheit o hì Gun robh brèid gheal horò Eich nan èideadh o hì ’S iad nan leum aig fir òg. Sìos am Bràighe o hì Bha i gàbhaidh horò Bha Clann Phàrlain o hì Fear no dhà dhiubh mun stòr. Losgadh fùdair o hì Mòr an smùideadh horò Fir fo chùram o hì ’S aig a’ chùl ri rathad mòr. Leum gun fhiaradh o hì Air am fiaradh horò ’S math an [ciallan/?] o hì Gun robh srianan air dòigh. Fhuair iad sàbhailt’ o hì Às a’ ghàbhadh horò Mar bha ’n dàn dhaibh o hì Thill a’ chàraid ’s iad pòst’. Choinnich càirdean o hì Às gach àite horò Toirt an làmh dhaibh o hì H-uile gràs bhith nan còir. ’M beul na h-oidhche o hì Las iad coinnlean horò Shuidh iad loinneil o hì Ann an coibhneas ro mhòr. Dhanns iad sùrdail o hì Air an ùrlar horò Chìte brùchdadh o hì Tro gach gnùis fallas mòr. Ceòl ro uallach o hì Teudan cruadhach horò Bioran luaineach o hì ’S Aonghas Ruadh air a dhòigh. Bha gach seud ac’ o hì A bha feumail horò [XX] o hì ’S an stuth èibhinn air bòrd. Chluinnte gleannsaich o hì Aig gach seann duin’ horò Sùgh an eòrna o hì Dol nan ceann mar bu nòs. (Ends 00:22:30) followed by a comment which is cut off. 00:22:38 [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] … ’S i is trice a bhios sinn a’ bruidhinn. [AJS:] Aha. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] An cuala tu an t-òran a bh’ aig Eòs Gillis … mu dheidhinn an railroad? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Cha chuala mi idir e. Cha chuala. [AJS:] An inns sibh beagan mu dheidhinn eachdraidh an àite bho thàinig na seann daoine … na daoine bhon t-seann dùthaich an toiseach. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Uill, chan eil cus agam ach dìreach mar a thug mi dhuibh. [AJS:] Uill, faodaidh sibh a ràdh a-rithist. Chan eil e gu deifir. An aon rud. Cò às a thàinig na daoine agaibh pèin? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O thàinig iad à Barraigh. Thàinig iad “across” à Barraigh.Cha chreid mi nach ann mun bhliadhna 1821 a “land” iad ann an seo, eadar 21 is 22 … a “land” iad ann an Sydney. [AJS:] Agus dè bh’ aca ri dhèanamh nuair a thàinig iad? [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] A’ gearradh na coille, tha mi creidsinn. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Thàinig iad le bàta à Sydney gus na “land” iad aig a’ chladach ud shìos, agus b’ fheudar dhaibh an oidhche a chur seachad còmhla ri caraid a bha a-muigh bliadhnachan romhpa … ris an canadh iad … fear Rody MacNeil a bha a-muigh bliadhnachan romhpa. ’S e caraide dhaibh pèin a bh’ ann. Chuir iad seachad an oidhche ann a sineach, ’s an làrna-mhàireach b’ fheudar dhaibh tòiseachadh ri dèanamh àite dhaibh pèin. Thug siud treis de dh’ùine dhaibh mun do chlìor iad àite ’s a leithid sin ’s a’ fuireach còmh’ ri an deagh charaid fhad ’s a bha iad còmh’ ris. Dh’fheumadh iad … bha poidhle de dh’obair aca air an talamh a rèiteach agus a chur gu feum agus (Shout from woman) eadar a’ choille ghearradh sìos agus a’ choille a chruinneachadh, mar a theireadh iad a phoidhleadh suas, agus teine a chur rithe, agus na stumpaichean a bh’ anns an talamh a thoirt às le … dh’fheumadh iad [XX] de [XX] uaireannan airson na stumpaichean a thoirt às an talamh airson a rèiteach oir is gun rachadh aca air rud a chur. [AJS:] Agus dè na rudan a bha iad a’ cur a-nis ann? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O a’ chuid bu mhotha bha iad anns a’ chiad “start” … dh’fheumadh iad buntàta a chur, ’s dh’fheumadh iad gràn a chur anns a’ chiad … a’ chiad tòiseachadh a bh’ aca. [AJS:] ’S dè seòrsa gràn a bha iad a’ cur? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O bhiodh cruithneach aca ga chur ’s bhiodh eòrn’ aca ga chur, ’s bhiodh corca aca ga chur, ach anns a’ chiad toiseach ’s e ruithneach agus a leithid sin a bhiodh iad a’ cur sìos… a dh’fheumadh iad a chur. [AJS:] Agus dè mar a bha iad ag ùsaideachadh an sìol a bha seo? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] An sìol a bh’ ann an seo dh’fheumadh iad a chaitheamh anns an talamh mu [XX] iad iad le hodhaichean ’s le gràpaichean ’s a leithid sin air a [XX] suas e, ’s an gràn a chovereadh, a chrathadh ann an sin ’s an dòs ceunda ga … ùir a chur air a h-uile sgath dheth sin airson … a chovereadh suas airson … [AJS:] Agus an robh eich aca nuair a thàinig iad a-nall an toiseach? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Cha robh. Cha robh eich idir aca. Cha robh eich aca feumaidh fad bliadhnaichean às a dhèidh sin mun d’ fhuair iad beathach eich no crodh. Neo-ar-thaing feadhainn a bha muigh romhpa aig an robh … aig an robh beathaichean. A’ chiad fheadhainn a thàinig a-muigh … bha muigh romhpa, bha beagan de chrodh aca ’s uill chaidh sin … cheannaich iad beathach airson mart bainne ’s a leithid sin bho na nàbaidhean a bha seo a bha muigh romhpa. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] An robh eich aig na h-Innseanaich an seo? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Cha robh. Chan eil fhios a’m cò às an tàinig na … Dè an ùine a bha iad … Anns a’ chuid bu mhotha dhen ùine ’s e … ris an canadh iad daimh, ’s e a bhiodh aca ag ùsaideachadh. [AJS:] O bhiodh daimh aca. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bhitheadh.’S e daimh a bh’ aca sa chiad àite, anns a’ chiad tòiseachadh aca, mun d’ fhuair iad beathaichean [each/?]. Bha iad fhèin a’ togail nam beathaichean a bh’ ann an seo fhios agad, gan trèanadh oir is gun dèanadh iad an obair. [AJS:] An e iad fhèin a bhiodh a’ dèanamh na cruinn a bhiodh aca? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O mu dheidhinn cruinn, dh’fheumadh iad fhèin na cruinn a dhèanamh. Feadhainn a bha car deiseil air dèanamh chrann. Bha feadhainn aca bha na b’ fheàrr na chèile airson crann a dhèanamh, fhios agad, [XX] ’s a leithid sin. Agus sin mar a bha e gus an tànaig … fad bliadhnachan is bliadhnachan. Dh’fheumadh iad na cruinn seo ùsaideachadh gus an tàinig goibhnean dhan àite. Bha iad a’ dèanamh cruinn airson … air a … fiodh air a chovereadh le siota de dh’iarann. [AJS:] Siota de dh’iarann. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] … oir is gum maireadh iad na b’ fhaide. [AJS:] ’S dè nis mar a bha iad a’ togail na” log cabins” a bh’ aca? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O uill a-nis chan eil cus de … chan eil cus de … [XX] mar gun canadh tu air dè mar a bha iad a’ dèanamh, ach bha e coltach co-dhiù gum feumadh ceannard a bhith orra a chunnaic “log cabin” a bhith ga thogail roimhe, airson a chur na chèile. Bha feadhainn aca na b’ fheàrr na chèile airson mar gum bitheadh ann an gnothach saorsainneachd ’s a leithid sineach, obair dhen t-seòrsa seo chur air dòigh, mar bu chòir a chur suas. Bha feadhainn aca na b’ fheàrr na chèile a chunnaic … a bha muigh romhpa ’s a chunnaic a bhith … na “cabins” a bh’ ann an seo a chur suas. [AJS:] Agus dè mar a bha iad gan dèanamh dìonach? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Dè rud? [AJS:] Dè mar a bha iad gan dèanamh dìonach? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Uill, a bheil fhios agad, nach urrainn dhomh a chantail glè mhath gu dè bha iad ag ùsaideachadh. Bha feadhainn a’ cantail rium gum biodh iad ag ùsaideachadh anns a’ chiad àite, gur e fodar a bhiodh iad air a cheangal ri chèile air a sgaoileadh air a [XX]. Feadhainn eile bhiodh a’ cur boic orra. [AJS:] Boic? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Boic, fhios agad. Stripean de thalamh air a chur … air a ghearradh ’s air a chur … air muin a chèile suas … [AJS:] … air mullach an taighe. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Air mullach an taighe … airson dìonachd. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] An robh tarragan agad? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Cha robh. Cha robh tàirnean ann ach glè bheag ach … Tuill ga dhèanamh le torra ’s a leithid sin, ’s cnagan de mhaide a bh’ ann nuair a thàinig e gu gnothach taighean [XX] ’s a leithid sin. [AJS:] ’S e “pegs” fiodh a bh’ ann. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] “Pegs” fiodh. [AJS:] Aidh, aha. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Pegs de dh’fhiodh… Ann an siudach, a chuid ìseal dheth … [taigh/?] aig mo sheanair, chaidh a thogail ann am bliadhna, 1873. Tha chuid ìseal dhen taigh, tha pìos ann, agus ma falbh thu, ged a tha e a’ coimhead car robach na bhroinn, tha a h-uile sìon air a chaitheadh a-staigh ann. Chì thu pàirt dhen fhiodh a th’ ann. Chaidh a dhèanamh, obrachadh le … Chaidh a ghearradh sa choille ’s a shnaigheadh le tuaigh ’s a fhrèamadh, agus na “pins”, na cnagan beaga a bh’ ann an seo air a chuir ann anns a’ chuid ìseal dheth. [AJS:] ’S dè mar a bha iad a’ bleith a’ mhin? Dè mar a bha iad a’ bleith a’ mhin? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O bha bràithndean aca. Rud ris an canadh iad bràithndean. Bha iad … A’ chuid bu mhotha aca thug iad … thug iad … feadhainn aca “across” às an dùthaich aca fhèin a-nall dhan àite bh’ ann an seo airson … airson an gràn a bhleith oir is gun dèanadh e feum dhaibh eadar aran a dhèanamh, is lite, ’s a h-uile sìon dhen t-seòrsa sin a bhiodh aca ann am feum biadh, eadar a bhleith air a’ bhràthainn … ’s dh’fheumadh iad an uair sin a chriathradh ’s a ghlanadh, a h-uile smodal a bh’ ann a thoirt às gus am faigheadh iad sìos a dh’ionnsaigh na min dhòigheil … smodal sam bith a bh’ ann. ’S bhathar an uair sin aig bean an taighe ri chur na … aran a dhèanamh air ’s a leithid sin. [AJS:] Cha toireadh iad fada a’ dèanamh bonnach. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Cha ghabhadh. Cha ghabhadh e glè fhada dhaibh idir. Cha robh cus de … Cha robh cus de stuthan eile dol ann ach dìreach mar a bha … ach a’ mhin ’s an t-ugh ’s an salann ’s a leithid sin a bha dol ann anns an àm a bh’ ann an sin. [AJS:] ’S dè mar a bha iad a’ dèanamh na bonnaich? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O na bonnaich. ’S e bonnaich a bha … uaireannan ann a chuireadh iad air an teine, anns an teine, agus chovereadh iad suas an t-aran leis an luath. Bhruicheadh iad ann an sineach. Bha feadhainn eile ann a bha na bu chothromaiche na sineach aig an robh rud ris an canadh iad àthaidh. Chuireadh iad an t-aran ann. Agus bha … bha “cover” de dh’iarann a’ dol air a’ “hob” ’s bha iad gan tiodhlacadh anns a’ ghrìosaich gus am biodh e … gus am bruicheadh e. [AJS:] ’S cha robh … cha robh luath a’ steigeadh ris a’ bhonnach idir? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Ah uill, cha robh. Cha bhitheadh. Bhiodh beagan air ach … rachadh aca air a dhustadh dheth ’s a leithid sin. Ghlanadh e dheth ach … cha robh e dol ann idir. Ma dh’fhaodte gum biodh beagan a’ dol ann, ’s gur ann gun robh e a’ dèanamh feum dhaibh. [AJS:] Dè am biadh eile a bhiodh aca? Dè am biadh eile a bhiodh aca? Dè mar a bhiodh iad … Dè na rudan eile a bhiodh iad a’ dèanamh leis a’ bhainne? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Leis a’ bhainne? [AJS:] Seadh. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O dhèanadh iad gruth ’s dhèanadh iad càise. Dhèanadh iad iomadach seòrsa. Bha gruth is càise, is ìm is uachdar aca ga … bhiodh aca ga ghabhail leis a h-uile sìon. [XX] [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] (OFF MIKE) Chunnaic thu iad a’ dèanamh siabann. Chunnaic thu iad a’ dèanamh siabann. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Uill, chan eil cus de [XX] agam air mar a bhathar … car de bharail agam air … Chunnaic mi pàirt dheth ga dhèanamh “alright”. Luath a’ chonnaidh. Luath a’ chonnaidh chruaidh, bhathar ga chur ann am barailte agus a’ cur uisge air agus bha e ann an sineach fad treis de dh’ùine. Shìoladh iad an uair sin. Bheireadh iad … Ath-tharraingeadh iad an t-uisge bhon a sineach. Tharraingeadh iad an t-uisge a bh’ anns a’ pheile-luaith ’s bhathar ga chur ann a … ann am “boiler” iarainn. Bhathar ga ghoil. Bha an uiread sin de ghrìs no de gheir a’ dol na mheasg. Bhathar ga ghoil ann a sineach gus an dèanadh iad siabann dh’fhàsadh cruaidh. Thigeadh iad suas nuair a bheireadh e speil a’ goil, bheirte far an teine e, agus chruadhaicheadh e, an “lye” a bh’ ann an seo ann am measg … ann an treis a dh’ùine chruadhaicheadh e ’s chanadh iad siabann bog ris. [AJS:] Siabann bog. ’S e sin a bha iad ag ùsaideachadh airson a bhith nìgheadaireachd [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O ’s e. ’S e. Sin an seòrsa bha … Ghabhadh iad barrachd de shaothair ris. Rachadh aca air a ruith sìos oir is gum fàsadh e orra, ’s gun gearradh iad e na bhlocan. Na bhlocan. [AJS:] Bha sibh ag innse dhomh gum biodh iad a’ dèanamh salainn leis an t-sàl a bha shìos ann a sheo. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Leis an t-sàl. Bha. [AJS:] Dè mar a bha iad …? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] An t-uisge saillte, gum feumadh iad a ghoil … a ghoil nuair a bhiodh iad gann, ’s nach biodh salann aca no a leithid sin. An t-uisge saillte a bh’ anns an “lake” a thoirt leotha ’s ga chur ann am poit ’s ga ghoil gus an goileadh iad sìos e gus am biodh e làidir. [XX]. Agus bhite ga ùsaideachadh sineach airson biadh. [AJS:] Airson biadh? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Seadh. [AJS:] Aha. Agus airson a bhith ciùradh feòil cuideachd tha mi creids’. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bha. [AJS:] ’S e salainn garbh a bha seo, an e? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Cha bhiodh e na shalann idir. Cha bhiodh e ann ach dìreach car mar gum bitheadh … mar gun canadh tu … car “syrup like”. Cha robh e dol na shalann uile-gu-lèir. Tha mi creidsinn … tha mi creidsinn nan rachadh a leanail fada gu leòr gun rachadh e na shalann ach … [AJS:] Cha robh e a’ tiormachadh idir. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Cha robh e a’ tiormachadh, a’ chuid bu mhotha dheth, cha robh. Neo-ar-thaing cha robhar ach ga dhèanamh an seo nuair a bha iad a-mach à salann. Neo-ar-thaing nuair a rachadh iad dhan bhaile, bha e mìltean bhuapa, dh’fheumadh iad … gheibheadh iad salann a bha tighinn a-staigh dhan dùthaich ann am … ann am [XX] ’s iad sin … Sydney ’s àiteachan mar sin, far an robh salann aca tighinn à dùthchannan eile, ’s beagan ga chreic ’s ga thoirt seachad. Sin na bheil agamsa den t-seann … [AJS:] O tha sin glè mhath. Bha sibh ag innse sgeulachd mu dheidhinn nuair a chaidh ur seanair a Shydney a dh’iarraidh salainn. Nach inns thu sin. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Mo shinn-seanair agus caraide dha fhèin, fear Caimbeulach. Dh’fhalbh an dithis aca a dh’iarraidh salann. Cha robh ann a … [Seumas/?] Caimbeul, cha robh ann ach duine beag goirid, garbh, ach bha mo shinn-seanair, bha e na dhuine àrd. Agus nuair a ràinig iad fhuair iad an salann. Cheannaich iad an salann agus thug iad leotha buiseal salainn am fear. Chuir iad air am muin iad. Cinn a rathad co-dhiù bha mo sheanair a’ fàs cuibheasach sgìth dheth … sgìth dhen lòd. Bha am fear eile, cha robh e cur uibhreachd air an lòd. Co-dhiù, thàinig air stad airson a dhol a-staigh dhan choille. ’S e pìos [XX]. Ràinig iad am baile seo co-dhiù is stad iad, a’ resteadh ann an sin. Fhuair mo sheanair … fhuair e teansa air cnapach de chloiche a chur anns a’ phoca salainn a bh’ aig an fhear eile, agus cheangail e suas e ’s chuir e air … cha tug iad fada sam bith a’ coiseachd nuair a thàinig am fear eile … nuair a fhuair e … an dala fear, chumadh e ris an fhear eile cho math ’s gun coisicheadh am fear eile a’ cumail ris. Tharraing e a’ chlach sin gus an tainig e dhachaigh. Uill sin [ma chuairt/?] na bheil agam dhe na seann ghnothaichean a bh’ ann an seo. Dh’fhaodadh barrachd a bhith agam ach chaidh iad air dìochuimhn’. [AJS:] Bha sibh ag innse sgeulachd eile mu dheidhinn fear … fear a chaidh a Shydney a dh’iarraidh buiseal mine nuair a bha e ceithir fichead ’s a deich. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O seadh. MacIllEathain a bh’ ann an seo a mhuinntir, thall rathad [XX]. Bha e ceud is ceithir bliadhn’ deug nuair a dh’eug e. Agus nuair a thàinig e … sa chiad bhliadhna a thàinig iad ann, feumaidh gun do ruith iad goirid ann an gnothaichean a thaobh an taighe, co-dhiù a thaobh biadh ’s a leithid sineach, ’s cha robh dad mu chuairt a ghabhadh faighinn ’s b’ fheudar dha dhol dhan bhaile mhòr. Agus … feuch am faigheadh e poca de mhin, na min, no a leithid sin a chumadh e a’ chuid eile dhen … Bha ’n geamhradh doirbh. Chaidh e tarsainn na deighe à [XX] “cross” a dh’ionnsaigh an taobh a bhois. Chaidh e staigh. Thill e an làrna-mhàireach agus poca, poca de mhin aige air a mhuin. Bha e an uair sin mu chuairt air ceithir fichead bliadhna ’s a deich anns an àm anns do rinn e an “trip”. [AJS:] [XX] a bha e a-nis? Agus nach robh sibh ag ràdh …? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Ceud is ceithir bliadhn’ deug nuair a dh’eug e. [AJS:] Nuair a dh’eug e. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Sheadh. Fear MacIllEathain. [AJS:] ’S nach robh sibh …? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Lachlann MacIllEathain. [AJS:] Nach robh sibh a’ bruidhinn mu dheidhinn clach mhòr a chaidh a togail. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bha. Chan urrainn dhomh … Dè seo [t-ainm/?] a bh’ air an fhear a thog a’ chlach? [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] MacNeil. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Dòmhnall Mòr MacNìll. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Dòmhnall [Nickname]. Is that the name of the guy? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Clach a thog e … a thog e à drèan an rathaid mhòir far an robh iad ag obair air an rathad mhòr far an robh an rathad mòr a’ dol … a’ dol roimhe san àm a bha sineach o chionn bhliadhnachan air ais. Fear dhen a’ chiad rathaidean mòra ’s ann air Dòmhnall Mòr a thàinig e mu chuairt co-dhiù, ’s bha a’ chlach a bh’ ann an seo anns an drèan, ann an dìg an rathaid. Agus bha iad a’ feuchainn ris a’ chlach a thogail a-mach às a … ’s a chur suas air bruthaich an rathaid. Thàinig Dòmhnall Mòr mu chuairt co-dhiù ’s chrom e sìos, ’s spìon e bad de dh’fheur ’s chuir e air … bad de dh’fheur [XX] ’s thog e a’ chlach ’s chuir e suas air bruthaich an rathaid e. Bliadhnachan às a dhèidh sineach, chaidh a’ chlach a tharraing a-nuas far a bheil an rathad an-dràsta a’ ruith. Chaidh a tomhas. Chaidh a peantadh agus … bha ochd ceud agus còig punnd fhichead anns a’ chloich. [AJS:] Gu dearbh. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Tha i ri faicinn fhathast. [AJS:] Tha i ri faicinn fhathast. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Tha i ri faicinn fhathast. 00:45:08 Break in recording. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] … iasg. Bhiodh iad a’ faighinn sgadan. Sgadan is trosg. “Salmon”. Bhiodh iad a’ faighinn “share” mhath de dh’iasg anns an àm a bha seo. Aig an àm sa, chan eil duine sam bith ag iasgach. Air a bha … air a bha iasg [XX] mu chuairt gheibhte trì cairteal cent am punnd air, trosg ùr ’s a leithid sin, eadar cent agus trì chairteal cent am punnd. Bha a h-uile duine ag iasgach. An-diugh, aig a’ phrìs aig a bheil e, chan eil duine sam bith ag iasgach, ach gan ceannach. [AJS:] Agus dè mar a bha sibh a’ glacadh an iasg? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O mar a bhite gan … ag iasgach trosg … bhiodh iad ag ùsaideachadh tràlaichean (trawls). “Handlines” bu trice bhiodh aca. “Handlines” bu trice bhiodh aca airson iasgach trosg. Neo-ar-thaing airson “salmon” no leithid sin, bhiodh deifir linn aca airson … airson “salmon” a ghlacadh. Lìon-sgadan airson sgadan no rionnach no leithid sin, bha e a rèir dè bha ruith san “lake”. Bhiodh iad ag iasgach ghiomach … trapan ghiomach. [AJS:] Dè mar a bha na trapan ghiomach air an dèanamh? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O na trapan ghiomach. Bha iad dìreach car coltach ris an t-seòrsa a th’ aca an-diugh air an dèanamh. Tha iad air an dèanamh le … fiodh agus lìon anns gach ceann dhiubh, ’s feadhainn aca ’s lìon anns an taobh aca ’s a leithid sin. [AJS:] An robh iad a’ cur clach na bhroinn? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O bha. Dh’fheumadh iad a bhith … dh’fheumadh a h-uile gin a bhith aca. Dh’fheumadh iad a bhith air am balaisteachadh oir is gun rachadh iad sìos a dh’ionnsaigh a’ ghrunnda. Dìreach gu leòr a chur ann de bhalaiste a bheireadh sìos iad a dh’ionnsaigh a … Ròp’ asta is “buoy”. Section ends 00:47:22. 00:47:22 – 00:47:55 Indiscernible. Private conversation between interviewer and woman. [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Bu deònach leam tilleadh, bhith tilleadh, bhith tilleadh; Bu deònach leam tilleadh, a-rithist dhan Chùl. Dol a shealltainn na cruinneag, a dh’fhàg mi fo mhulad; Bu taitneach leam fuireach, ann an cuideachd mo rùin. Ged truagh tha mi ’m-bliadhn’ iomadh mìle an iar bhuat, Ag obair ’s a’ riasladh, tha ’n fheumainn nas fheàrr; Cha do leig mi às dìochuimhn’ an comann bha ciatach, B’ e m’ aighear ’s mo mhiann a bhith shìos leibh an-dràst’. Bu deònach leam tilleadh, bhith tilleadh, bhith tilleadh; Bu deònach leam tilleadh, a-rithist dhan Chùl. Dol a shealltainn na cruinneag, a dh’fhàg mi fo mhulad; Bu taitneach leam fuireach, ann an cuideachd mo rùin. Gura muladach tha mi gach là on a dh’fhàg mi, Chan urrainn dhomh ’n-dràsta làmh thoirt air ceòl; Chan eil agam de bhàrdachd na dh’innseas an dàn dhuibh, Gach buaidh air an àit’ an deach m’ àrach glè òg. Bu deònach leam tilleadh, bhith tilleadh, bhith tilleadh; Bu deònach leam tilleadh, a-rithist dhan Chùl. Dol a shealltainn na cruinneag, a dh’fhàg mi fo mhulad; Bu taitneach leam fuireach, ann an cuideachd mo rùin. Ceap Breatainn an t-àite bu mhiann leam bhith tàmh ann, An t-eilean as àille tha fo na neòil; Le tulaichean àrd toirt dhuinn sealladh air sàile, Air an lìonmhor bheil bàta, air a càradh fo sheòl. Bu deònach leam tilleadh, bhith tilleadh, bhith tilleadh; Bu deònach leam tilleadh, a-rithist dhan Chùl. Dol a shealltainn na cruinneag, a dh’fhàg mi fo mhulad; Bu taitneach leam fuireach, ann an cuideachd mo rùin. Thigeadh bodaich air chèilidh bu mhiann leam bhith ’g èisteachd, Nuair a dh’innseadh iad sgeul air gach treun-fear tha thall Mar a sheas iad ri chèile ann an cruaidh-chàs is èiginn, Cha robh nàmhaid fon ghrèin nach do ghèill dhan cuid lann. Bu deònach leam tilleadh, bhith tilleadh, bhith tilleadh; Bu deònach leam tilleadh, a-rithist dhan Chùl. Dol a shealltainn na cruinneag, a dh’fhàg mi fo mhulad; Bu taitneach leam fuireach, ann an cuideachd mo rùin. Mo shoraidh dhan àite gur truagh rinn mi fhàgail, Nam bithinn an-dràst’ ann, chan fhàgainn rim bheò; Ma thilleas mi sàbhailt’, nì mi fuireach gu bràth ann, Gheibh mi conaltradh chàirdean mar a b’ àbhaist sa ghleann. Bu deònach leam tilleadh, bhith tilleadh, bhith tilleadh; Bu deònach leam tilleadh, a-rithist dhan Chùl. Dol a shealltainn na cruinneag, a dh’fhàg mi fo mhulad; Bu taitneach leam fuireach, ann an cuideachd mo rùin. [NOTE: The song was composed by Hugh F. MacKenzie, Grand Narrows, Cape Breton. Cf. text in “Gaelic Songs in Nova Scotia” (Helen Creighton and Calum MacLeod eds.) p.290] (Ends 00:52:35) [AJS:] Dè tha seo a tha sibh a’ dol a chur air an-dràst’? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Biorachan Beag is Biorachan Mòr An duine dh’fhuineas bonnach Bonnach [air/bheir/?] mo ghille-samhail Gille-samhail feitheamh sop Sop a bheir mi mart Mart a [XX] bainne Bainne bheir mi chat Cat a ruaigeas luch Luch a sgrìobas ìm Ìm a bheir mi shaor Saor a chàireas cuman Cuman a [XX] clach Clach a bheileas tuagh Tuagh a ghearras slat Slat a ghabhas air Biorachan Beag Mun ith e mòran chnothan (Ends 00:53:06) [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Naoi latha Gearrain Naoi latha feadagan ’S naoi latha gobagan Seachdain sguabaidh Suas an t-Earrach. (Ends 00:53:21) [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] O beir an t-soraidh seo nis bhuam Air chuan is chruach is bheannaibh, A dh’ionnsaigh Muile nam beann fuar; O eilean uain’ a’ bharraich. O ’s truagh a Rìgh nach mi bha thall An tìr nan gleann ’s nan gallan; An tìr nan craobh ’s i tìr mo ghaoil, An lagan fraoch is rainich. O teannaibh dlùth is togaibh fonn, Mo chridhe trom air m’ aineoil, ’S mi fad o eilean nan damh donn O thìr nan gleann, nan gallan. An-diugh gun taigh, gun sgath, gun chraobh, Gun chlach os cionn na starsaich, Tha leac an teinntein air fàs fuar, Is còinnich ruadh tighinn fairis. O teannaibh dlùth is togaibh fonn, Mo chridhe trom air m’ aineoil, ’S mi fad o eilean nan damh donn O thìr nan gleann, nan gallan. Siud na glinn sam faighte ’n aoidh, Gach raon dhiubh taobh na mara. Tha luchd mo ghaoil an-diugh ma sgaoil, ’S nan àite caoraich Shasainn. O teannaibh dlùth is togaibh fonn, Mo chridhe trom air m’ aineoil, ’S mi fad o eilean nan damh donn O thìr nan gleann, nan gallan. Is truagh a’ Ghàidhlig bhith na càs, On dh’fhalbh na Gàidheil a bh’ againn; An gineil òg tha tighinn nan àit’, O togaibh àrd a bratach. O teannaibh dlùth is togaibh fonn, Mo chridhe trom air m’ aineoil, ’S mi fad o eilean nan damh donn O thìr nan gleann, nan gallan. (Ends 00:56:44) A chuthag nam beann [NOTE: Beginning of line not recorded.] o hao ri o horo, hao ri iù. Nach truagh leat mo chlann o hao ri o horo, hao ri iù. Tè eile nan ceann o hao ri o horo, hao ri iù. … buillean … làmhan (Possibly Bi buille mun làimh) o hao ri o horo, hao ri iù. Tè eile sa cheann o hao ri o horo, hao ri iù. ’S an cridheachan fann o hao ri o horo, hao ri iù. Gun aca de bhiadh o hao ri o horo, hao ri iù. Ach boiseag dhen t-sìol o hao ri o horo, hao ri iù. Ceann carrach an lìn o hao ri o horo, hao ri iù. Cuid bu tana dhen bhiadh o hao ri o horo, hao ri iù. Cha tug mi sìon riamh o hao ri o horo, hao ri iù. Do dhuin’ airson Dia o hao ri o horo, hao ri iù. ’S nan tiginn-sa beò o hao ri o horo, hao ri iù. Gun riaraichinn gu leòr o hao ri o horo, hao ri iù. De dh’airgead ’s de dh’òr o hao ri o horo, hao ri iù. De bhainne nam bò o hao ri o horo, hao ri iù. [AJS:] Dè an t-ainm a bh’ air a-rithist? [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] A chuthag nam beann. (Ends 00:58:52) 00:58:52 – 00:58:59 indiscernible. [AJS:] Dè an t-òran a tha sibh a’ dol a sheinn? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Feuchaidh mi siud a-rithist. [AJS:] Dè am fear a th’ ann? Dè an t-ainm a th’air? [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] (OFF-MIKE) An Turas Nach Robh Cearbach. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] ’S e. An Turas Nach Robh Cearbach. [AJS:]’S cò rinn e? A bheil fios agaibh? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] ’S e fear Currie a rinn e. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] (OFF-MIKE) Lachlann Currie. [AJS:] Cò às a bha e. An ann às an seo fhèin? [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Mira. [AJS:] Siud thu ma-thà. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bha samhradh a’ tighinn dlùth oirnne ’S e siud a chuireadh sunnd oirnn Bhith ’g èisteachd nuair a dhùisgeas sinn Ri ribheid chiùil na smeòrach ’S an turas nach robh cearbach Thug a-nall dhan Rubh’ [XX] mi A dh’obair do MacFhionghainne ’S gu dearbh ’s e ’n duine còir e. ’S o thàna mi ’n taobh seo Cha tèid òran leam ’s chan iongnadh e Gur h-ann a bhios mi smaoineachdaich Air [XX] a bh’ agam [XX]. ’S an turas nach robh cearbach Thug a-nall dhan Rubh’ [XX] mi A dh’obair do MacFhionghainne ’S gu dearbh ’s e ’n duine còir e. B’ e sin an sealladh èibhinn Sa mhadainn nuair a dh’èireamaid ’S i falbh air bhàrr nan rèidhlichean ’S cha lèir mi is a’ cheò i. ’S an turas nach robh cearbach Thug a-nall dhan Rubh’ [XX] mi A dh’obair do MacFhionghainne ’S gu dearbh ’s e ’n duine còir e. ’S gur h-ann am Baghasdal Tha na daoine laghacha Seach feadhainn dhe na [XX] Aig na thadhail mi Didòmhnaich. ’S an turas nach robh cearbach Thug a-nall dhan Rubh’ [XX] mi A dh’obair do MacFhionghainne ’S gu dearbh ’s e ’n duine còir e. ’S ann air Cnoc nan Caimbeulach Bha na daoine coibhneil rium ’S a mheud ’s a thug mi [XX] Gum bi cuimhn’ agam rim bheò air. ’S an turas nach robh cearbach Thug a-nall dhan Rubh’ [XX] mi A dh’obair do MacFhionghainne ’S gu dearbh ’s e ’n duine còir e. ’S tha iomadh sealladh àlainn Ri fhaicinn feadh an àite sa, Nuair bhios am feur a’ fàs A bhios na bàtaichean a’ seòladh. ’S an turas nach robh cearbach Thug a-nall dhan Rubh’ [XX] mi A dh’obair do MacFhionghainne ’S gu dearbh ’s e ’n duine còir e. Bidh maraichean is iasgairean ’G obair mar is miannach leoth’ Mnathan òg is nìghneagan Air sliabh a’ togail eòintean. ’S an turas nach robh cearbach Thug a-nall dhan Rubh’ [XX] mi A dh’obair do MacFhionghainne ’S gu dearbh ’s e ’n duine còir e. Sa mhadainn nuair a dhùisgeas sinn Cha bhi dad a dh’ùin’ againn. An obair chruaidh, cha sùgradh i, ’S bidh cùram oirnn an-còmhnaidh. ’S an turas nach robh cearbach Thug a-nall dhan Rubh’ [XX] mi A dh’obair do MacFhionghainne ’S gu dearbh ’s e ’n duine còir e. ’S a’ suidh’ aig uair na dinnearach Gur h-ann a bhios an tìm againn Bidh feadhainn ris na fuinn agam ’S mi fhìn a’ gabhail òran. ’S an turas nach robh cearbach Thug a-nall dhan Rubh’ [XX] mi A dh’obair do MacFhionghainne ’S gu dearbh ’s e ’n duine còir e. ’S chan aidichinn MhicNìll Gun robh [XX] dè aig dinnear ann ’S ann aige tha na h-ìghneagan ’S a Rìgh gu bheil iad bòidheach. ’S an turas nach robh cearbach Thug a-nall dhan Rubh’ [XX] mi A dh’obair do MacFhionghainne ’S gu dearbh ’s e ’n duine còir e. Sguiridh mi dham mhànran ’S gun stad mi dham mhànran Ach fear a bhios nas fheàrr na mi Cha bhàsaich le cion òrain. ’S an turas nach robh cearbach Thug a-nall dhan Rubh’ [XX] mi A dh’obair do MacFhionghainne ’S gu dearbh ’s e ’n duine còir e. (Ends 01:03:38) [Several:] […] [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Òran a' Bhòcain. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Oh that's a good one. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] […] I think he's got that one. [AJS:] Cumaibh oirbh a' bruidhinn ann an Gàidhlig ma 's urrainn dhuibh […] [AJS:] Gabh an t-òran. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Feuch a bheil e aige … O hoireannan è horò [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Oh yes! [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Oidhche dhomh ’s mi falbh nam ònar Thachair bòcan rium sa [mhuileann/?] O hoireannan è horò O hoireannan ’s mi air m’ aineoil O hoireannan è horò ’S dh’fhaighneachd e dhìom ann an Gàidhlig “Càit’ an-dràst’ a bheil do leannan?” O hoireannan è horò O hoireann ò ’s mi air m’ aineoil O hoireannan è horò ’S thuirt mi ris [ri facal spòrs/?] Gu bheil i còmhnaidh aig na [XX]. O hoireannan è horò O hoireann ò ’s mi air m’ aineoil O hoireannan è horò ’S dh’fheuch mi fairis air gu fàilidh ’S leum e gu stràiceil a charachd. O hoireannan è horò O hoireann ò ’s mi air m’ aineoil O hoireannan è horò ’S bha mi tacan ris a’ [XX] ’S esan gum fùcadh ri feansaidh. O hoireannan è horò O hoireann ò ’s mi air m’ aineoil O hoireannan è horò ’S mo chomhairle air gillean òga Gun a bhith gan dèoin a’ fantail. O hoireannan è horò O hoireann ò ’s mi air m’ aineoil O hoireannan è horò ’S gun an gealltanas ri [XX] Mun coisinn iad bian ri ’n aindeoin. O hoireannan è horò O hoireann ò ’s mi air m’ aineoil O hoireannan è horò (Ends 01:06:09) Gap to 01:06:14 [MMD:] Mìcheal Dòmhnallach. [AJS:] Is cò às a tha sibh? [MMD:] ’S ann à Uibhist a thàna m’ athair … mo sheanair. ’S e mòr-thirich a bh’ annta an toiseach. … clann ’ic Ailein … Clanranald. (Ends 01:06:37) Gap from 01:06:37 to 01:07:13 [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] […] [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] An e siud a-nise ‘Am Bioda Bàn’? ‘Am Bioda Bàn’? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Chuala mi mo mhàthair a’ bruidhinn mu dheidhinn ‘Am Bioda Bàn’. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bidh iad a’ snàmh agus a’ [XX] mun cuairt. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bha craobhan air, bha coille an-toiseach innt' [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] ‘Am Bioda Bàn’ an t-ainm a bh' aca air. [JG:]/ [JAM:]/] Bha [Proinnseas/?] … bha an t-seòmar aige … sa chidsin, fhios agad, far an robh e cadal. Agus thàinig a’ … bha e ag ràdh gun tàinig an “crowd” seo a-staigh, agus bha e ga … Dh’fhuirich iad fad treis agus an uair sin thuirt tè dhiubh, “Tha ’n t-àm againn falbh. Uair eile againn ri chosg aig a’ Bhioda Bhàn mun tig a’ ghrian suas. ‘Am Bioda Bàn’ Cha ruig sibh a leas sin a chreidsinn ach tha iad a’ cantail … [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Chuala mi fhìn rud (laughter over speech) …. riamh, riamh cho amh ris. (Voice drops at times. Speech is fast and unclear in following section up to 01:10:54. [MrsAM:]/ [SMI:]/[MML:]/ [MrsMD:] Bha sinn a’ dèanamh òran air a shon an-diugh. [AJS:] O an e Eòghann a rinn e? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] ’S e. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Chan eil ciall cho math ’s a bha e air òrain. [AJS:] Aidh. ’S a bheil an t-òran sin agaibh? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Tha. [AJS:] ’S am feuch sibh [XX] ris? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Tha am fonn aige cho damainte “slow” ge-tà. 01:11:14 Bu deònach leam tilleadh Bhith tilleadh, bhith tilleadh. Bu deònach leam tilleadh A-rithist na chùl. Dhol a shealltainn na cruinneig A dh’fhàg mi fo mhulad; B’ e mo dhùrachd bhith fuireach An comann mo rùin. (Ends 01:11:33) Indiscernible section of noisy general conversation up to 01:12:23 01:12:23 [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Deoch-slàinte nam fearaibh Dh’fhàg am baile Diluain. Deoch-slàinte nan gallan (A) dh’fhàs [fiughanta/?], fallain. On a sheòl sibh bhon chala Slàn [mhaireann/?] air chuan. Chan eil cuimhn’agam. A bheil cuimhn’ agadsa … ’S cuir mu chuairt an deoch-slàinte O ’n [seas/?] mise ri càirdean Òl slàinte nam bràithrean Tha air bharraibh nan stuagh. Deoch-slàinte nam fearaibh (Laughter) [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] (Begins to sing the song. Talking over this) Deoch-slàinte nan gallan (A) dh’fhàs [fiughanta/?], fallain Bhon a sheòl sibh on chala Slàn [mhaireann/?] air chuan. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Chan eil [mheud] a bhith [XX] Chuir fo [XX] sinn; Ach cliù nam fear òga Nach sòradh an luach. [ALL:] Deoch-slàinte nam fearaibh Dh’fhàg am baile Diluain. Deoch-slàinte nan gallan A dh’fhàs [fiughanta] fallain; O na sheòl sibh on chala Slàn [mhaireann] air chuan. ’S chan eil [ùine/?] bhith [XX] [XX] [XX] Ach cliù nam fear òga Nach sòradh a luach. Deoch-slàinte nam fearaibh Dh’fhàg am baile Diluain. Deoch-slàinte nan gallan A dh’fhàs [fiughanta//] fallain; O na sheòl sibh on chala Slàn [mhaireann] air chuan. (Ends 01:14:13] [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] … tha thu air caoine cheàrr, nach eil? [MrsAM:]/ [SMI:]/[MML:]/ [MrsMD:] Chan eil. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Siud a’ chaoin … an aona chaoin a chuala mi. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Nach e [Alastair/?] Mac … [XX] Steafain a rinn an t-òran? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] O chan e. Am Bàrd Mòr … Am Bàrd MacDonald à Antigonish. A’ Chiad Chogadh, thàinig “crowd” de ghillean òga … [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Tha fhios agam, ach nach robh feadhainn a’ smaointinn nach e MacDonald, Professor MacDonald … gur e [Dòmhnall/?] Steafain a rinn e. (Next comment unclear) Feadhainn eile ag radh gur e MacNìll. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bha “cousin” dheth a’ dol suas a [XX] còmh’ riumsa agus bha [XX] aige a h-uile òran (Person hums across the speech at this point). This is followed by general speech and laughter. 01:15:24 [MMD:] A Mhàiri dhubh ho rì ho rò A Mhàiri dhubh ho rì ho rò A Mhàiri dhubh ’s a Mhàiri dhonn Tha m’ inntinn trom on dhealaich mi, Ri Màiri Dhubh a hù a hò (Ends 01:15:41) Some general conversation. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] … òran Ailig Steele. Bha “spite” aige dhan chaillich a bha siud, agus chaidh e gu frolic. Bha e ag obair aig [inaudible]. Cha tug i dha grèim ri ithe agus [voice level drops] 01:16:09 ’S tìm dhòmhsa tòiseachadh air òran san àm Mun tè rinn am fòirneart air òigear na rann. Thug i cupa bheag tì dha ’s gun nì math na cheann Is sliseag de dh’aran cho tana ri lann. Horò hugi ò hugi ò horo ì Air hò ro hò hugi ò horò hì I dhiù ra bhò hogi ò horo hì ’S cha mhòr nach coma leam cogadh no sìth. ’S gun d’ rinn thu mo [dhìteadh/?] gu cinnteach san uair Ged bha mi leam fhìn ’s ann air dinnear gun bhuaidh Air fhroiligean agus rinn thusa [XX] suas Bidh mis’ anns an leabaidh gu ’n tèid thu dhan uaigh. Horò hugi ò hugi ò horo ì Air hò ro hò hugi ò horò hì I dhiù ra bhò hogi ò horo hì ’S cha mhòr nach coma leam cogadh no sìth. ’S ann dhuinn bhiodh an [t-fhògradh] do thòradh bhith ann ’S iad dhèanadh an sòlas, cha bhiodh feòil orra gann. Bhithinn fhìn air mo dhòigh [XX] [XX] am làimh Gad togail air bhòrdaibh ’s e ’n t¬-òl a bhiodh ann. Horò hugi ò hugi ò horo ì Air hò ro hò hugi ò horò hì I dhiù ra bhò hogi ò horo hì ’S cha mhòr nach coma leam cogadh no sìth. O Mhàiri [XX] mura sguir thu san àm Gun till thusa Lunnainn ’s an [XX] mud ceann. ’S ann thèid thu air a’ [XX] ’s do theannadh a-nall Thèid [XX] [XX] mud sgòrnan gu teann. Horò hugi ò hugi ò horo ì Air hò ro hò hugi ò horò hì I dhiù ra bhò hogi ò horo hì ’S cha mhòr nach coma leam cogadh no sìth. (Ends 01:18:08) ]NOTE: The first line of the chorus is unclear throughout as the singers are not singing the same words.] [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Tha gu leòr a siud. [AJS:] A bheil a’ chòrr agaibh dheth? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Feumaidh mi cuimhneachadh air. (A few general comments from the company – slightly unclear. Laughter.) The most important remark in the section is that the contributor (who sang the previous song) is 76. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] ’S e thuirt [XX] ach ‘Cha Mhòr Nach Coma Leam Aran Seach Tì’. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] Chan eil Gàidhlig agam ach feumaidh gu bheil an duine seo seventy-six […] Bha siud glè mhath. […] [AJS:] Math ga-rìribh. [MrsAM:]/ [SMI:]/ [MML:]/ [MrsMD:] […] Agus tha 'pile' agaibh. […] [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] A Mhàiri dhubh horì horò Mhàiri dhubh ’s a Mhàiri dhonn Tha m’ inntinn trom on dhealaich mi Ri Màiri dhubh o hù o hò (Ends 01:19:06) (More conversation and suggestions about songs. Much of the speech is off-mike. Noises and gaps) [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Ach an t-òran ud. ’S e am Bàrd Ruadh a rinn e. (Gap) [AJS:] Currie. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Currie. [AJS:] Fear à Mira. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] 01:19:52 ’S tìm dhòmhsa tòiseachadh ’s teannadh ris an òran Mun fhear a rinn am f[XX] ’s gur còir[XX] dhuinn aoireadh. Chuir e ’n tein’ air fògradh a-mach air feadh na fròigeadh ’S nuair fhuair e anns a chòinnich, bha cheò air feadh an t-saoghail. ’S bu ghranda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne. Bàthchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. B’ e siud far an robh [smuaisdear/?] nuair chaidh e ’s a’ [XX] orra, Thug e mach na cùil ’s gur e ’n grùdair a [XX] air Mhill e phàirc buntàta ’s gun d’ loisg e air a’ bhàthach Ged theannadh iad ri bhàthadh cha [XX] iad an saothair. ’S bu ghranda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne. Bàthchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. ’S bha Sandaidh a laochain ga thilleadh fad na h-ùine, Bha Iseabail ga mhùchadh ’s bha smùid dheth mu h-aodann Anna ’s i na h-èiginn ’s bha Ramaidh an taobh shuas dhith ’S thug Alastair da ruaig mar gum buaileadh e [laughs]. ’S bu ghranda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne. Bàthchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. ’S iomadh madadh-ruadh a bha ruith air feadh nam bruachaibh Earball air an gualainn ’s iad suas air feadh na raonaich. Na ròcaisean ag èigheach ’s na fithich ’s iad nan èiginn ’S na smeòraichean fhèin, thug iad reug ’s cha b’ e ’n t-iongnadh. ’S bu ghranda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne Bàthchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. ’S iomadh maigheach bàn a bha ruith air feadh nam fàsach An [XX] gan [XX] ’s e làn dhen cuid gaoisid. Ruith air feadh gach àite is feadh nam pàirc buntàta Gu ’n d’ fhuair e cur an sàs ann am bàthach nan caorach. ’S bu ghranda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne Bàthchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. Siud far an robh ’m fuaim nuair a thog an teine suas orra Chaidh e dhan mhosgan ruadh ’s gun do bhuail e na chraoslach; ’S nuair fhuair a’ ghaoth grèim air ’s a chaidh e anns an droighnich, Chan fhaiceadh tu ach soills’ agus boills’ air gach taobh dhiot. ’S bu ghranda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne. Bàthchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. Tha mi ann an dòchas gun èist sibh ris an òran A h-uile h-aon tha beò ’s a tha còmhnaidh san tìr seo. Gun toir sibh ’n air’ an-còmhnaidh ’s gum bi ur gnothach dòigheil Gun teine chur ri eòin [XX] a chuir aog oirnn. ’S bu ghranda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne Bàthchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. ’S ann feasgar Didòmhnaich bha màraichean air fògradh Maighich air an ròsladh is eòin air an slaopadh. B’ e siud an sealladh grànda ri fhaicinn feadh an àite ’S cha ghearain mi gu bràth on a shàbhail na daoine. ’S bu ghranda sealladh an eilein Smearsach air feadh na beinne. Bàthchannan dol nan teine Le coireannan dhaoine. (Ends 01:22:49) [AJS:] Dè bu choireach gun deach an t-òran sin a dhèanamh? [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bha iad a’ losgadh coille “yew”, agus chaidh an teine air feadh na … [VOICE:] Turn of the century I guess. [MrsAM:]/ [SMI:]/[MrsAM:]/ [MrsMD:] Air cùl Bhaghasdail, nach ann? 23:02 [VOICES:] ’S ann. Shuas ann an sin. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] … an grùdaire a-nis. Bha am fear sin a’ fuireach shuas aig … an grùdaire, sin revenue officer, nach e? [AJS:] Custom officer, an e? Exciseman. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Tha mi smaointinn co-dhiù. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] [An grùdair/?] bha siud ’s e Dutchman a bh’ ann. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] ’S e. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] ’S e a’ chiad settlement/settler, ’s e Dutchman a bh’ ann. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Siud, cha chreid mise … siud an t-ainm a bh’ air na revenue officers anns an t-seann dùthaich, grùdaire. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Chan eil fhios a’m dè Bheurla a bh’ aca air. 01:23:36 – 01:24:54 (Some unclear, off-mike comments and laughter. Fragment of song. Several people talking at once.) [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] … òran a rinn am bàrd ruadh an siud nuair a chaidh e air chall. 01:25:00 ’S an cuala sibhse mun duine Chaidh air turas an ànraidh? Chaidh e shealltainn an nìghneag Gu bhith bruidhinn ’s a’ bànran. Thàinig ceò air an oidhche ’S cha robh mhuinntir an làmh ris ’S cha robh chadal ach luaineach Ann an [XX] nam màgan. Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Gur e turas an ànraidh A chuir mo nàbaidh air chall. Gun robh Sìne gu suaimhneach ’S i na suain anns an leabaidh; Ach bha Iain ’s an t-uaibhir ’S iomadh smuaintinn bh’ air aigneadh. Ann an toman an luachrach ’S ann a [XX] ris a’ chladaich; ’S cha robh chadal ach luaineach ’S gun aige chluasag ach maide. Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Gur e turas an ànraidh A chuir mo nàbaidh air chall. ’S nuair a dh’èirich a’ ghealach Gun robh e an dòchas; Gun dèanadh e cùrsa Far do dhlùthaich an ceò air. ’S gun cual’ e sin starraban, An robh tarbh Eòghainn Shòmhairlich, A’ dol seachad air droighnich Ann an coill’ Ruairidh Dhòmhnaill? Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Gur e turas an ànraidh A chuir mo nàbaidh air chall. ’S thachair cupall ri Iain A bha tighinn bho chèilidh. ’S ann a rinn iad dheth stad ’S ann a ghabh iad dheth sgeula. ’S labhair Iain gu stràiceil Ann an canail na Beurla; “You’re just on my farm Not very far from your station.” Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Gur e turas an ànraidh A chuir mo nàbaidh air chall. ’S mas e breug tha mi ’g innse Cha bhi [XX] bhith anns an òran. ’S ann is tìm dhomh bhith sgur air Mun dèan mi tuilleadh ’s a’ chòir Ach a’ chomhairl’ bheirinn air suirgheach ’S bhiodh e iomchaidh gu leòr dhomh Gun bhith siubhal an anmoich Ma tha ’n [XX] ris bòcan. Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Gur e turas an ànraidh A chuir mo nàbaidh air chall. Ach thus’ Iain a ghràidhein Chan fhaod an dàn tighinn mun cuairt dhut Bha thu riamh ann ar nàbachd ’S chan eil mi ’g ràdh ach na chualas Cha b’ e [XX] faoin dhiubh Ged a bha [XX] mu shuas dhìot Bu mhath stiùireadh tu bàta Ged a shàraich a’ [XX] thu. Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Hai o hao ri hò ro thall Gur e turas an ànraidh A chuir mo nàbaidh air chall. (Ends 01:28:17) [AJS:] Cò rinn an fhear sin? (Gap before answer) [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Feumaidh Seumas Caimbeul ud gun robh e càirdeach dhan Caimbeulach ud a bh’ ann an Uibhist. ’S e Caimbeulach a bh’ ann. ’S e bàrd a bh’ ann [AJS:] Bha, bha. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bha e diabhalta math, Seumas Caimbeul. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Bha Seumas Caimbeul math. [MrsAM:]/ [SMI:]/[MrsAM:]/ [MrsMD:] Chan eil fhios cò [XX] dhuinne am fear ud. Chan eil fhios a’m fhìn. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Chan eil fhios a’m bho Dhia. Tha mi dèanamh a-mach gura h-e [am bàrd ruadh/?]. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] … Calum Iain a’ Mhuinnleir cuideachd. Bha esan math cuideachd. Indiscernible section from 01:28:57 – 01:29:12. Several people talking at once. 01:29:12 .. ’s am bilidh boc ciar Gun d’ theann iad air mìothlachd [XX]. A [XX] ’s am bilidh boc ciar Gun d’ theann iad air mìothlachd [XX]. ’S gun deach iad a-mach air a’ chèile An toiseach mu dheidhinn Nanaidh. ’S gun deach iad a-mach air a’ chèile An toiseach mu dheidhinn Nanaidh. Gun d’ labhair boc robach na feusaig Ma fuirich thu shìos bhom Nanaidh-sa. Labhair boc robach na feusaig Ma fuirich thu shìos bho Nanaidh Gun toir mis’ ort cho fad ’s g’ eil do chlòimh Gum fàg mi do shròn glè shalach. Bheir mis’ ort cho fad ’s g’ eil do shròn Gu fàg mi do chlòimh glè shalach Gun d’ sheas iad mu choinneimh a chèile ’S chuireadh na gleusaidh ud fairis. Sheas iad mu choinneimh a chèile ’S chuir iad na gleusaidh ud fairis ’S cha d’ sheas iad leth-dusan [blow/?] Nuair chaidh am boc ròmach gu talamh. Cha d’ sheas iad ach leth-dusan [blow/?] Nuair chaidh am boc ròmach ri talamh ’S gun d’ chaitheadh an adhraic/adharc bhon cheann dheth ’S bha e ri call na fala. ’S gun d’ chaitheadh an adhraic/adharc bhon cheann dheth ’S bha e ri call na fala. ’S gun tug e air sìos cùl nan càrn Gur faigheadh e àite-falaich. Gun tug e air sìos cùl nan càrn Far faigheadh e àite-falaich. ’S gun tàinig Nanaidh ’s i caoineadh ’S e sgeul mo chaochail a ghabh mi seo. Thàinig an Nanaidh ’s i caoineadh ’S e sgeul mo chaochail na ghabh mi seo. Ach shaoil leam nach toireadh mac [caora/?] [XX] a bhith braonadh na fala. Gun d’ shaoil leam nach toireadh mac [caora/?] [XX] a bhith braonadh na fala. ’S gur truagh nach robh dotairean ann A dhèanadh do cheann a cheangal. Gur truagh nach robh dotairean ann A dhèanadh do cheann a cheangal ’S gur bochd a bhith seasg ann as t-samhradh, Bidh mi gun mheann gun bhainne Gur bochd a bhith seasg ann as t-samhradh, Bidh mi gun mheann gun bhainne. Mar eireag an dèidh a spìonadh Chan eil eun fiadhaich [XX]. Mar eireag an dèidh a spìonadh Chan eil eun fiadhaich [XX]. Sin e. Ends 01:31:34 [AJS:] Gobhar a bha siod. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Gobhar agus reithe. Ends 01:31:37 Indiscernible (Laughter, several people talking) 01:31:54 [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] […] the goats that started the row … He made another song. Rinn e òran eile mu dheidhinn dà bhràthair a bha fuireach shìos air … Pòl MacNeacail agus Peadar MacNeacail, nuair a [XX] iad far a chèile. Ends 01:32:06 Indiscernible section of laughter and several people talking at once. 01:32:47 [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] … Faclan … bhios sinne ag ùsaideachadh ann an seo. (Indiscernible comments about a fly) [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Tha mi creidsinn gu bheil sibh a’ cluinnteil “mixture” … de Leòdhas, de dh’Uibhistich ’s de Bharraich ’s a h-uile rud anns na faclan. [AJS:] O tha. Ach tha a’ Ghàidhlig aca an seo gu math coltach ris a’ Ghàidhlig againn fhìn. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Tha. Deifir fhaclan. [AJS:] Deifir fhaclan. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Fhios agad, mar a tha sibhse, tha ainm agaibh air aeroplane agus tha ainm agaibh air trèanaichean … An seo chan eil againn ach a’ Bheurla. [AJS:] Chan eil no againn. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Uill, bha feadhainn a’ dèanamh … a’ cur ainmean air rudan agus … cha chreid mi g’ eil iad… uill, chan e Gàidhlig a th’ anns… chan e Beurla cuideachd a th’ air … can kilowatts. Chan eil sin ac’ air ach ainm an duine a fhuair a [XX]. Agus telebhisean. ‘Tele’ is Greek … fada. [AJS:] ’S e. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] Astar. Uill, seallaidh-astair. Nach rachadh [XX] air rud sam bith … seallaidhean-astair. ‘Vision’ is sealladh. [AJS:] Ach feuchaidh sinn air na h-òrain fhèin an-dràsta, on a bha sinn ag obair orra. Bheil gin a dh’òrain tuilleadh agaibh? Tha mi cinnteach gu bheil. [MrsAM:]/ [SMI:]/[MrsAM:]/ [MrsMD:] Tha na ceudan aige. [AJS:] […] [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] […] ’S e ’s coireach ann nach gabhadh iad ach glè ainneamh is […] [AJS:] Dìreach dìth-chleachdadh a th’ ann. [JG:]/ [JAM:]/ [MMD:] […] End of tape 01:34:45