GU_AJ_Smith_04 J. H. Gillis — [JHG:] AJ Smith — [AJS:] [...] [JHG:] Am fear a bh’ ann an seo co-dhiù bha … dh’èigh e air na sìtheanaich airson thighinn ga chuideachadh … an obair as fheàrr a bh’ aige, b’ fheudar dha obair eile fhaighinn dha, neo bhiodh e air a mharbhadh neo rudeigin air a dhèanamh ris co-dhiù. Agus, fhuair e seans air choireigin air ’s dhùin e an doras, agus bha bean an taighe ’s aran aice ri mu choinneamh an teine, gun do dh’èigh an t-sìtheanach, dh’èigh e: ‘a bhonnaich bhig tha ’n toll fon [tairg/?] thugainn is fosgail an ... an doras’. Dh’fhalbh am balach beag is ... [thadhal/?] e dha, fhuair e caithream de fhèin gus an d’ ràinig e an doras. Uill cha d’ fhuair e an doras fhosgladh dha ach [XX]. [AJS:] Agus, tha, bha sibh a’ bruidhinn mu dheidhinn … dè bu choireach ’s gun robh toll aca san [XX]? [JHG:] Bha, agus, bha aig na seann fheadhainn ann an Canada, ann an Canada, a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn seo gum feumadh iad, gum feumadh iad toll a chur ann agus gur e sionach a rinn iad. ’S ann a bhiodh iomadach uair a chì thu aig … a bhithear a’ dèanamh aran, bualadh choirce an-siud ’s an seo air feadh na [XX], a’ dèanamh tuill bheag ann, ’s gur ann às a sionach, gur ann às a seothach a thàinig e. [AJS:] Oh seadh. [AJS:] A’ creidsinn anns an dà shealladh idir an seo? [JHG:] Dè rud? [AJS:] An robh sibh a’ creidsinn anns an dà shealladh, anns na bòcain ’s mar sin? [JHG:] Och, cha robh. [AJS:] Nach robh? Bha feadhainn a’ creidsinn ach cha robh feadhainn eile. [JHG:] Oh bha, bha, bha. [Man 1:] Bha feadhainn a’ creidsinn ann an seo. [JHG:] [XX] a bha mu dheidhinn feadhainn a bhiodh a’ dol dhan t-sìthein ’s a’ faighinn ceòl ann. [AJS:] Ceòl? [JHG:] Ag ionnsachadh ciùil ’s thigeadh iad a-mach mar fear a rachadh a-staigh dhan t-sìthein agus cha robh ach cacan beag air fàs air nuair a thàinig e às an t-sìthein, cha robh … cha robh, chan aithne e dha duine, bha e a leithid de dh’ùine ann. [Man 1:] Cha do thachair riamh an sin, tha mi smaointinn, nach robh am boireannach ann ach trì mionaidean. [AJS:] Bha e a’ faighinn buaidh ceòl an uairsin? [JHG:] Bha, bha. [AJS:] Ach cha robh, cha robh sìthein aca san t-àite seo idir? [JHG:] Chan eil fhios agam an robh. [Man 1:] Chanainn gun robh. [AJS:] Robh? [Recording of man sleeping] ’S o chruinneag, è chruinneag O chruinneag na buaile Bu tu chailin mo chridhe ’S ann leat a ruithinn air fuarbheann. ’S fhuair mi litir an dèidh dhomh Thug deòir air mo shùilean Fhuair mi còmhradh do mhaighdeann ’S och is och, thug iad bhuam thu. ’S o chruinneag, è chruinneag O chruinneag na buaile Bu tu chailin mo chridhe ’S ann leat a ruithinn air fuarbheann. ’S chaidh an taigh [bàrr an àirdean/?] Shuidh sinn dòigheil mu chuairt dhi ’S nuair fhuair na gillean null còmhla Cha robh mo chòmhradh [a’ lùbadh/?] ’S o chruinneag, è chruinneag O chruinneag na buaile Bu tu chailin mo chridhe ’S ann leat a ruithinn air fuarbheann. ’S chaidh an taigh [bàrr an àirdean/?] Shuidh sinn dòigheil mu chuairt dhi ’S nuair fhuair na gillean null còmhla Cha robh mo chòmhradh [a’ lùbadh/?] ’S o chruinneag, è chruinneag O chruinneag na buaile Bu tu chailin mo chridhe ’S ann leat a ruithinn air fuarbheann. O cha bhi mi gad chaoineadh Chan e ’m bàs a thug bhuam thu ’S ann a rinn thu mis’ fhàgail Is falbh an-dràst’ le fear fuadain. ’S o chruinneag, è chruinneag O chruinneag na buaile Bu tu chailin mo chridhe ’S ann leat a ruithinn air fuarbheann. O cha bhi mi gad chaoineadh Chan e ’m bàs a thug bhuam thu ’S ann a rinn thu mis’ fhàgail Is falbh an-dràst’ le fear fuadain. ’S o chruinneag, è chruinneag O chruinneag na buaile Bu tu chailin mo chridhe ’S ann leat a ruithinn air fuarbheann. [AJS:] Siuthad a-nis. [JHG:] Nach robh mi san Fhraing o Le Nic-Fhraing a’ chùil dualaich Cha bhi mulad air m’ inntinn Is ceòl na fìdhle mun cuairt dhuinn O chruinneag, è chruinneag O chruinneag na buaile Bu tu chailin mo chridhe ’S ann leat a ruithinn air fuarbheann. [JHG:] Chì mi thu air mora hò Ithill ò air mora hè Dh’fhalbhainn fhìn le mora hò ’S thogainn fonn air lorg an fhèidh. ’S tha mi seo air port [mo rùn/?] ’S beag mo dhùil a bhith ann [Cha lèir mi ’n tacair às a’ ghrunnd/?] Leis an smùid [XX] Bheir mi thu air mora hò Ithill ò air mora hè Dh’fhalbhainn fhìn le mora hò ’S thogainn fonn air lorg an fhèidh. Trì rudan dhan tug mi gaol [XX] a tha an-diugh fon ghrèin Gunna caol a’ ruith o ghleus Dìreadh na beinn le [bean-àl/?] Bheir mi thu air mora hò Ithill ò air mora hè Dh’fhalbhainn fhìn le mora hò ’S thogainn fonn air lorg an fhèidh. ’S truagh a rìgh nach mi bha thall Anns a’ ghleann sam biodh na fèidh [Leanaidh/?] [XX] chùil bhàin Eadar mo dhà làimh ’s tu fhèin Bheir mi thu air mora hò Ithill ò air mora hè Dh’fhalbhainn fhìn le mora hò ’S thogainn fonn air lorg an fhèidh. ’S nam biodh agam bàta luath Sgioba cruaidh a dh’fhuiling am fras Bheirinn sgrìob [a thìr MhacLeòid/?] Bheirinn caileag bhòidheach às Bheir mi thu air mora hò Ithill ò air mora hè Dh’fhalbhainn fhìn le mora hò ’S thogainn fonn air lorg an fhèidh. ’S nam biodh agam [peac/?] glas Botal branndaidh agus “flask” Bheirinn sgrìobh dhan àirde tuath ’S bheirinn caileag laghach às Bheir mi thu air mora hò Ithill ò air mora hè Dh’fhalbhainn fhìn le mora hò ’S thogainn fonn air lorg an fhèidh. [AJS:] “What are you going to sing then, Duncan?” [D:] “Well I was going to suggest that … sing a good song. [...]” [JGH:] “What?” [AJS:] “Come on then.” [JGH:] “Come on, what’s wrong? [XX]” [D:] “Well, it wouldn’t serve any purpose.” [JGH:] We’d like to hear it tomorrow. [D:] Well, we’ll hear it tomorrow. [JGH:] [XX] [AJS:] ‘Cailin mo rùn’ or something. Cailin mo rùn, come on. [D:] [XX] [AJS:] Come on, try singing it, ‘Cail–’ … siuthad. Òganaich an òr-fhuilt bhuidh’ Leat a dh’èirich sealg a’s sitheann ’S ann nad ghruaidh a bhiodh an ruthadh Nuair a bhiodh tu siubhal bheann. ’S an uair a dhìreas tu na stùcan Le do ghunna chaol nach diùltadh ’S i do luaidhe ghorm is d’ fhùdar Bhiodh cur smùid air feadh nam beann Òganaich an òr-fhuilt bhuidh’ Leat a dh’èirich sealg a’s sitheann ’S ann nad ghruaidh a bhiodh an ruthadh Nuair a bhiodh tu siubhal bheann. ’S rìgh gum [buaidh/?] leat chèilidh Anns a’ mhadainn an àm èirigh O gach nì mar a dh’èireadh Cridh’ na fèille nad cheann Òganaich an òr-fhuilt bhuidh’ Leat a dh’èirich sealg a’s sitheann ’S ann nad ghruaidh a bhiodh an ruthadh Nuair a bhiodh tu siubhal bheann. ’S gur ann coltas a’ churaidh [XX] ’S tric a chluinneas fuaim do ghunna Ag èirigh oir nam beann Òganaich an òr-fhuilt bhuidh’ Leat a dh’èirich sealg a’s sitheann ’S ann nad ghruaidh a bhiodh an ruthadh Nuair a bhiodh tu siubhal bheann. ’S ged a bhithinnsa gu sìorraidh Air mo cheangal ’s air mo phianadh Cha leig mi do ghaol air diochuimhn’ Seo a bhliadhn’ a liath mo cheann Òganaich an òr-fhuilt bhuidh’ Leat a dh’èirich sealg a’s sitheann ’S ann nad ghruaidh a bhiodh an ruthadh Nuair a bhiodh tu siubhal bheann. ’S ged a bhithinnsa gu sìorraidh Air mo cheangal ’s air mo phianadh Cha leig mi do ghaol air diochuimhn’ Seo a bhliadhn’ a liath mo cheann Òganaich an òr-fhuilt bhuidh’ Leat a dh’èirich sealg a’s sitheann ’S ann nad ghruaidh a bhiodh an ruthadh Nuair a bhiodh tu siubhal bheann. [JHG:] Hai o mo bhàta, ’s tu mo bhàta grinn Hai o mo bhàta, ’s tu mo bhàta grinn Hai o mo bhàta, ’s tu mo bhàta grinn Fhuair mi thu nad chuilean an àit’ a’ [bhuidsear/?] mi. ’S an fhaoileag ann is sgiath air, fèaran nan tonn Am faca tu mo bhàta, [bheil/?] i ’n àite [long/?] Bheil i air an leadaibh agus creag fo bhonn Mun tig cunnart-gaoithe mu thig gaoth bhios trom Hai o mo bhàta, ’s tu mo bhàta grinn Hai o mo bhàta, ’s tu mo bhàta grinn Hai o mo bhàta, ’s tu mo bhàta grinn Fhuair mi thu nad chuilean an àit’ a’ [bhuidsear/?] mi. I can’t go on any further. [JHG:] “And just come oh here he’d enter With his fiddle and his bow And the strings were made of leather That was turned out in Glencoe.” [JHG:] ’S cha bhi mi strì ris a’ chraoibh nach lùb leam Ged dh’fhàsadh ubhal air bàrr gach geug Ma rinn thu m’ fhàgail, ’s bu shoraidh slàn leat Chan fhacas tràigh gun muir-làn na dèidh. Mo rùn geal dìl’ agus, dìleas, dìleas Mo rùn geal dìleas nach till thu rium Cha thill mi fhèin riut, ochòin, chan fhaod mi Bhon tha mo ghaol-sa na laighe tinn. ’S moch madainn Chèitean ’s mi dol dhan lochan Gun ghabh mi beachd ort am measg nam beann A’ meas mo ghaol agus bòidhchead d’ aodainn Ged gheibhinn saor iad cha ruithinn thall. Mo rùn geal dìl’ agus, dìleas, dìleas Mo rùn geal dìleas nach till thu rium Cha thill mi fhèin riut, ochòin, chan fhaod mi Bhon tha mo ghaol-sa na laighe tinn. So dh’èirich mise moch madainn Chèitein Is thug mi sùil air dùthaich thall Chunna mi breac air an [link/?] ag èirigh ’S mo leannan fhèin ’s gun e ag èirigh leam Mo rùn geal dìl’ agus, dìleas, dìleas Mo rùn geal dìleas nach till thu rium Cha thill mi fhèin riut, ochòin, chan fhaod mi Bhon tha mo ghaol-sa na laighe tinn. So rinn i leab’ dhomh air cùl na [XX] Breacan còmhdaicht’ a chur fom cheann Do chaidh [mùchadh/?] air na coinnlean Gun robh mise sìos leis an nighean ruaidh Mo rùn geal dìl’ agus, dìleas, dìleas Mo rùn geal dìleas nach till thu rium Cha thill mi fhèin riut, ochòin, chan fhaod mi Bhon tha mo ghaol-sa na laighe tinn. So dh’èirich mise moch madainn Chèitein Is thug mi sùil air an dùthaich thall Chunna mi breac air an [link/?] ag èirigh ’S mo leannan fhèin ’s gun e ag èirigh leam Mo rùn geal dìl’ agus, dìleas, dìleas Mo rùn geal dìleas nach till thu rium Cha thill mi fhèin riut, ochòin, chan fhaod mi Bhon tha mo ghaol-sa na laighe tinn. So chaidh mi sìos o gu taigh a’ [Ghròtaidh/?] [XX] mi làraich an nighean ruaidh Ma faigh mi làmh dhi cha b’ e an t-àite Gun tug i facal ’s i tighinn na mo chluais. Mo rùn geal dìl’ agus, dìleas, dìleas Mo rùn geal dìleas nach till thu rium Cha thill mi fhèin riut, ochòin, chan fhaod mi Bhon tha mo ghaol-sa na laighe tinn. [BREAK IN TAPE] Hao ro ri o, rathaill o Rathaill oro, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche Dhèanainn taigh dhut anns a’ choille Fon am boillsgeadh grianach, soilleir Far an cluinn thu caothach choilich Fon an [darach/?] smeòrach Hao ro ri o, rathaill o Rathaill oro, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche Dhèanainn taigh dhut anns a’ choille Fon am boillsgeadh grianach, soilleir Far an cluinn thu caothach choilich Fon an [darach/?] smeòrach Hao ro ri o, rathaill o Rathaill oro, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche ’S dhèanainn leapa dhut san fhraoch Cha bhi mo chadal ach faoin Far am bi sinn ‘g iarraidh [XX] Neo fearann saor a [XX] Hao ro ri o, rathaill o Rathaill oro, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche ’S dhèanainn leapa dhut san fhraoch Cha bhi mo chadal ach faoin Far am bi sinn ‘g iarraidh [XX] Neo fearann saor a [XX] Hao ro ri o, rathaill o Rathaill oro, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche ’S an tèid sinn ann gu na beinne Thug mi gaol dhi ’s cha bu bheag i Air mo chùlaibh [XX] an teagamh ’S e bu [XX] a còta Hao ro ri o, rathaill o Rathaill oro, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche ’S an tèid sinn ann gu na beinne Thug mi gaol dhi ’s cha bu bheag i Air mo chùlaibh [XX] an teagamh ’S e bu [XX] a còta Hao ro ri o, rathaill o Rathaill oro, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche ’S ma rinn am poll ud do shalachadh Nist’ an t-siabann dhomh do ghlanadh Chuireadh sin a-mach air feansa Bidh e dhreach nas bòidhche Hao ro ri o, rathaill o Rathaill oro, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche ’S ma rinn am poll ud do shalachadh Nist’ an t-siabann dhomh do ghlanadh Chuireadh sin a-mach air feansa Bidh e dhreach nas bòidhche Hao ro ri o, rathaill o Rathaill oro, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche ’S an tèid sinn a Bhaile [Chìs/?] ’S cha bhi mi ’n-dràsta ga inns Feuch am faigh mi i dhomh fhìn ’S bidh [sìneadh/?] le [Maureen/?] Hao ro ri o, rathaill o Rathaill oro, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche ’S an tèid sinn a Bhaile [Chìs/?] ’S cha bhi mi ’n-dràsta ga inns Feuch am faigh mi i dhomh fhìn ’S bidh [sìneadh/?] le [Maureen/?] Hao ro ri o, rathaill o Rathaill oro, rathaill o Hao ro ri o, rathaill o Mo nighean donn as bòidhche [AJS:] Bha sibh ag innse uair eile mu dheidhinn na daoine agad nuair a thàinig iad a-nall? [D:] O? Às an t-Seann Dùthaich? O uill, cha robh sin ach dìreach naidheachd, cha robh sin ach dìreach an naidheachd. Nuair a thàinig iad a-nall às an t-Seann Dùthaich chaidh iad air tìr air a’ chladach shìos air a’ [XX] ann an seo. Agus dh’fhàs e, cha robh, dh’fhàs a’ bhean aige tinn an dèidh dhi tighinn air tìr. Ach, oh bha [gunna aige/?], oh bha feadhainn– cha robh sìon mun cuairt ach coille, oh bha e siubhail air feadh na coille feuch an dèanadh an t-each-[chomain/?], a mharbhadh e airson sùil an t-each-[chomain/?] son a thoirt dhan bhean, feuch an dèanadh e feum. Bha e air feadh na coille agus bha an t-eagal aige gun rachadh e air chall ’s nan rachadh e mòran a-staigh innte. Agus thill e, ’s cha d’ fhuair e sìon. Cha robh aca ach aona [searg/?]. B’ fheudar dha an [searg/?] a mharbhadh, a chur air dòigh is sùilean a [XX] às, a thoirt dhan bhean feuch an dèanadh e feum. ’S rinn e feum dhi, cuideachd. Agus dar a fhuair iad air dòigh agus ghabh iad suas air tìr feuch am faigheadh iad àite sam bith, àite ris an cuireadh iad suas àite airson tòiseachadh air an àite a chlearadh airson fuireach. Agus sin na daoine, gun robh na daoine às an robh mise, uaireigin dhen saoghal. Agus chum mi cuimhn’ air na rudan a bha iad ag innse. Fhuair iad air adhart oir bha teaghlach aca, oh bha iad sin air, mun cuairt air feadh an àit’. [AJS:] Bheil dad de dh’eachdraidh agaibh timcheall air an obair a bh’ aca ri dhèanamh an uairsin nuair a thàinig iad? [JHG:] Oh bha aca ri obair, a’ choille a gheàrradh, ’s a chlearadh, stobadh ’s… teine a chur ri àitichean, ris a’ spruce, ris a h-uile [XX] a bha seo airson àite a dhèanamh son a bhith ga thobhaigeadh ’s bhith cur buntàta ann ’s nuair a fhuair iad gu leòr ’s gun deach aca air each fhaighinn. Bha eich aca, ’s fo dheireadh ’s bha iad nan tuathanaich mòr air a’ cheann fo dheireadh is chlear iad, thog iad poidhlean de dh’fhearann. Bha sin am fearann sin aig a theaghlach ga roinn eadar e fhèin is [Eòs/?] is… gum fuiricheadh iad air. Agus… [AJS:] Cha robh eich aca an toiseach, an robh? [JHG:] O cha robh acasan dar a thàinig iad. Cha robh eich, chan eil fhios ’am ciamar a bha e a’ dèanadh cuid dhe [XX] feumaidh gun robh feadhainn an àite air choireigin, gun robh eich aca. Fhuair iad ann an eich co-dhiù is fhuair iad ann an crodh. Agus, bha iad, rinn iad beò-shlàint’ ann. [AJS:] Seadh. [JHG:] Nuair a dh’fhàs sinne suas, bha feadhainn dhiubh a’ fuireach a-mach air cùl [XX] is lìon na h-àitichean. Bha taighean ann, bha còig neo sia thaighean ann ach, bha iad a’ falbh às a’ tighinn a-nuas gu h-ìosal, a dh’fhuireach air an t-àiteachan. Ach, bha aon teaghlach ann, a dh’fhuirich ann am chuimhneas, muinntir Thormoid a chanadh iad riutha. [AJS:] Muinntir Thormoid? [JHG:] ’S e. Ach, bha iad ann an taigh, bha mise aon turas anns an àite aca, bha agam ri, bha an [toileachadh/?] leis an àite fhaicinn. Bha taigh logaichean aca. Agus bha i fhèin aig an taigh, agus a’ phiuthar a bh’ agam ann an [XX], cha do phòs iadsan riamh. Ach cha robh air an taigh ach aon uinneag, ’s bha teine ann ’s bha similear ann. [AJS:] Similear? Uhuh. [JHG:] ’S e. Roladh e [sgeann/?] de bhloc a-staigh an sin is bha sin a’ gabhail air a shocair fhèin. Ach nuair a dhùnadh an doras, nuair a, cha robh air ach aon uinneag bheag, dhùinte. ’S mun àm an t-samhraidh a bha sin, an t-samhraidh ris an robh mise shuas a’ còmhnaidh cuide ris na bha staigh. Ach nuair a dhùineadh an doras bha an uinneag cho beag agus ’s ann air an teine a bha anns an t-similear a bha cumail na soillearachd air an taigh. Dhùin e aon triop, ach b’ fheudar dha fhosgladh cuimseach [fhalamh/?], bha an t-àite cho dorch. Ach bhiodh e a’ cur coirce. Bha bràthair aige fhèin, chruachadh e an coirce. [AJS:] Oh seadh. Dè mar a bha iad a’ dèanamh sin a-nis? [JHG:] [...] a dèanamh sin? Bha bràthair aige, bha dà chloich mhòr chruinn, chunna mise i. Agus bha gad a’ làimh aige air an dà chloich agus bha sin, [...] anns a’ chloich a bha gu h-àrd nuair a chruachadh e an coirce. Bha iad a’ dòrtadh a’ choirce sìos an sin ’s a’ cur seo mun cuairt. Bha seo a’ dèanamh càthaidhean choirce. Bha iad a’ dèanamh cathadh, thug iad shuas [tionnsgail/?] de choirc ann am poca, i fhèin ’s tè eile. An tè bha a-staigh còmhla rithe, bean Fhionnlaigh ’icFhionghain, bha i na h-ighne an uairsin is thug i fhèin ’s an [XX] a bha sin saor suas, trus de choirce ann am poca. Agus dar a rinn e càthadh dhen choirce mar seo, bha sin ga fhasgadh airson an [XX]. Agus dhachaigh bha poca làn, poca mhòr [iarainn/?] aca ’s a’ mhin cho slick is thàinig iad a mhuileann-bleithidh e. Thug iad a-nuas e às an àite Thormoid. B’ e Dòmhnall Thormoid a bh’ air, ’s rinn e [batch/?] de dh’aran-coirc ’s b’ e sin an t-aran-coirce. Ach bha each glas aige agus bhiodh e a’ tighinn a-nuas air sgrìob [XX] ’s bheireadh e oidhche againne ’s bhiodh sinne nar cnapaich ’s an oidhche a bhiodh dùil againn, bhiodh oidhcheannan ann a thigeadh e ’s bha [XX] air watch, feuch am faicimid an t-each glas a’ tighinn suas rathad a’ tighinn tron choille. Ach bhiodh an t-each glas fhaicinn a’ tighinn air fradharc bha sinn a’ ruith a h-uile staigh ga innis, dùil againn ri sgeulachdan. ’S ann air na sgeulachdan a bha sinne a’ studaigeadh. Ach dh’fheumadh e poidhle de choaxadh mus startadh e sgeulachd ach… dhèanadh e iad cuideachd agus rachadh aige air sgeulachd a ghabhail is bhiodh i math. Ach mur a biodh toileachadh againne ri Dòmhnall Thormoid e fhèin, ach… [XX]. Ach co-dhiù bhuild iad an sin taigh eile, bràthair dha. An obair a bhiodh aig a bhràthair ’s aig a bhràithrean an uair ud, an fheadhainn a bha gu h-ìosal, bhiodh iad a’ cur poidhle de… poidhle choirce, bhiodh e fhathast ga bhualadh, ri buailtean. [AJS:] Buailtean? [JHG:] Buailtean. Am faca tu buailtean a-riamh? [AJS:] Uill, chan fhaca, bha iad an-dèidh a dhol a-mach à bith mus do… mus tàinig mise mun cuairt. [JHG:] Uill, dà mhaide mhòr, mu òirleach a ghior– romhpa mar seo. Agus bha sin, bann air an dà leth, fhios agad, gam bualadh, bha i hand mar seo, a’ slashadh air ’s dh’fhaoidte gum biodh dithis dhiubh còmhla, air a roghainn air gach taobh dhen choirce. [...] bhualadh, a’ slashadh air is froiseadh e às an rathad e. Bha sin uidheam ann ris an canadh iad [fanairt/?]. [AJS:] [Fanairt/?]? [JHG:] Aye, fir nan coimhearsnachd ’s rachadh seo fhaighinn agus bhathas ga chur ann am pana agus ga ghlanadh a-mach agus… gheibheadh iad sin air am bleithe. Ach, co-dhiù, bha iad seo, cha bhiodh iad seo ach ag obair air twenty-five cents a day, ag obair air bualadh. Ach bha i [XX], bha i… dh’fhàs an tuarastal na b’ fheàrr agus rinn e airgead ’s thill e dachaigh airson an t-seann dachaigh agus chuir e suas taigh ùr. B’ e sin an taigh-[bàthach/?]. Bha a dhà neo trì de chrodh-beinn ann agus each, ach cha robh pasture aca ach an crodh a bhith air feadh na coille. Agus… rachadh… cha bhiodh aca ach a bhith a’ siubhail nan coille gus biadh math fhaighinn don chrodh. Agus bhiodh cù aca agus cha bhiodh aca agus a dhol air feadh nan coille gus am faigheadh iad an crodh. Bha i a’ dèanamh ìm, dol a dhèanamh an t-ìm an sin, bha stòr shìos fodhainn ris a’ chladach, stòran beag. Thèideadh i a-nuas a’ bheinn ’s rachadh e [XX] oirre mus [tèidinn/?] an tìd’ dol dhan stòr. Thèideadh i staigh air an dol sìos ach cupa tì a dhèanadh agus dhèanadh ise an each agus bha i sin a’ falbh sìos a’ dèanadh an gnothach anns an stòr, ’s gheibheadh i tì is siucair airson beagan– airson [pàigheadh/?] a dhèanadh an t-each, leis na bhiodh [XX] de [dh’fhèidh/?]. Bha i sin a’ tilleadh dhachaigh air ar socair ’s bha i a’ tadhal a-rithist againne. Rachadh cupa tì eile a dhèanamh do [Mhàiri/?] agus dhèanadh i sin cupa tì ga leughadh ’s ga chrathadh ’s bhiodh i a’ leughadh nan duilleagan dhaibh. Cò, am faca tu a leithid seo air a dhèanadh? Leughadh ’s [XX] poidhle de ghnothaichean sin anns a’ chupa. A’ coimhead air na duilleagan tì a bh’ anns a’ chupa. Bhiodh cupa thall ’s a bhos ga [leughadh/?] do Mhàiri, dol a dhèanamh an còrr a leughadh ’s bha i a’ togail oirre is… Bha i falbh, ’s bha an cù a’ fuireach thall anns a’ choille. [BREAK IN TAPE UNTIL 31:27] [Woman:] [XX] ’S ann à Uibhist a Deas a thàinig e. Tormod. [JHG:] ’S e. Seann Tormod. [Woman:] Tha cuimhn’ ’am air mo mhàthair bhiodh i… bha iad à muinntir Aonghais Alasdair Mhòr, tha fhios agad. [JHG:] Tha fhios ’am. [Woman:] Shìos air taobh na beinne. Thigeadh… bha Tormod a’ tighinn a-nuas far na beinne, bheil thu tuigsinn? Bha Ruairidh ann ’s bha Màiri ann ’s bha… [JHG:] Eòghann ann. [Woman:] [Maisie/?] [JHG:] Sìne. [Woman:] An robh Sìne ann? [JHG:] Bha Sìne ann, smaointinn gur e sin an t-ainm a bh’ aice. [...] [Woman:] Bruidhinn air laundering, musicians. Ach co-dhiù shin agad mar a bha esan, bheireadh e trì seachdainean, thigeadh e a-nuas far na beinne ’s rachadh e far am biodh… uabhas de dhaoine a-staigh, ’s thug e sia neo seachd de nigheanan òg, beag ann, suas gum am biodh iad ceithir bliadhn’ deug ’s còig bliadhn’ deug. Lean e air tighinn son a bhith ag ionnsachadh na sgeulachdan dhaibh. Agus cha robh, bha, dhèanadh e òrain eireachdail. [JHG:] Eireachdail. [Woman:] ’S sheinneadh e iad. ’S bha e làn dhe naidheachdan nan seann daoine. ’S bha meas gàbhaidh aig a h-uile duine air, ’s bhiodh e dìreach prìseil sa h-uile àite ’s bhiodh e cho toilichte mun cuairt air an teine san oidhche agus sin agad far an robh na sgeulachdan ag obair an uairsin. [JHG:] A-nis tha mi dol a dh’innse dhuibh mu dheidhinn Dòmhnall Thormoid. Bhiodh e dol sìos an iar don chladaich. Bha seo àite eile shìos aca ’s b’ e an t-àm an uair ud far am biodh na h-iasgairean uile gu lèir. Ach bha esan a’ dol dhachaigh, bha an t-acras air a dhol dhachaigh agus thòisich e air òran a dhèanamh air an triop air an robh e. ’S tha mi creidsinn gun cuala tu an t-òran, chan eil e agam is, ach tha cuimhn’ agam air an start a chur e air: Ged tha mise ’n-seo an-dràst’ Am measg gràisg de dh’iasgairean Taobh an fhearainn, cois an t-arbhar Far a bheil gràisg de dh’iasgairean. Bha e air a’ leantail sìos ach cha do chùm mise cuimhne air a’ chòrr dheth, oh ach bha poidhle air n-òrain. [Woman:] Oh bha, bha e a’ ruith sìos, bha, nuair a bha– thàinig e a-nuas a dh’ionnsaigh a’ chladaich, shin agad far an robh e am measg nan daoine is bha e eireachdail gun robh e ann ’s bha e cho toilichte ’s ga– ach fhathast, dh’fhalbh e is Calum Eòghainn, dh’fhalbh e a-mach far an robh e pèin air a chùlaibh, bheil thu tuigsinn? Chan e ach, chan e Calum Eòghainn idir a rinn e ach… [JHG:] Dòmhnall [MacAonghais/?] a bh’ ann, Dòmhnall Chaluim. [Woman:] Dòmhnall Chaluim, ’s e dìreach. Is dh’fhalbh e far an robh e pèin, nach b’ e siud a bh’ ann? [JHG:] Uill niste… [Woman:] Chan eil e gu diofar co-dhiù ach dh’fhalbh esan an aghaidh an fhear eile, bheil thu tuigsinn? Agus ruith e sìos… [JHG:] ’S e Dòmhnall Chaluim a rinn an t-òran an-dèidh dhomh, ach bha e na b’ fhaide, ach tha mi dol a… Bha a mhàthair an seo shuas againne aon oidhche agus thuirt màthair Tormod dha mu dheidhinn seo: “Oh uill,” thuirt Dòmhnall, “bha rathad air a bristeadh roimhe.” Bha rathad– bheil thu tuigsinn? Bha e a’ toirt chothroman air fhèin air òrain a dhèanamh? Ach cha robh e a’ toirt cothrom dhasan. Rinn esan an t-òran air an triop, ach bha Dòmhnall Chaluim, thuirt Dòmhnall Thormoid: “Oh, bha rathad air a bristeadh roimhe. Bha an cothrom aige ormsa,” thuirt e. Agus dh’fhaodadh e mar gun abradh tu, gum faodadh e an gnothach a dhèanamh na b’ fheàrr ach… cha do [bheat/?] e Dòmhnall air a shon, fhios agad. Bha an t-òran aig Dòmhnall. [Woman:] Dòmhnall … Tormoid air a bhith a-muigh air na beinnean air a chùl, agus bha Donnchadh air an cois a’ chuain. ’S [mhol/?] e an sin is iad a’ beatadh e ri chèile, cò a b’ fheàrr. Ach cha b’ e siud a bh’ ann. [JHG:] ’S ann. [Woman:] Uill. [JHG:] Ach ’s e call a bh’ ann dar a sguir iad an rud ud siud. An seo co-dhiù, ge b’ e ciamar a tha iad agaibhse thall. [AJS:] Oh, tha iad a’ dol air chall againne cuideachd. [JHG:] Bheil? [AJS:] Oh, tha. Bheil gin de na seann sgeulachdan agaibh? [JHG:] Uill nis bha uair a bha gu leòr dhiubh agam ach chaidh mi [XX] ri [XX] ’s chaidh iad dìreach às mo chuimhn’. [Woman:] [XX] A bheil cuimhn’ agad air an … dè bha thu … [JHG:] Bha iad air an àirigh? [Woman:] ’S e. Ciamar an do thòisich i? [JHG:] Och bha mi feuchainn ri cuimhneachadh oirre ach chan eil cuimhn’ agam air dè mar a… [JHG:] Bha stiogha mòr de dh’fhearann aige. Bha feadhainn a’ fuireach air an fhearann aige ach bha fear an sin, bha e pòsta agus chaochail a’ bhean aige. Bha triùir ghillean aige. Agus bha màl cho mòr ri phàigheadh ’s nuair a chaochail i, bha a’ bhean aige air caochladh, cha b’ urrainn dha am màl a chumail air a phàigheadh. ’S b’ fheudar dha falbh air feadh an àit’. Ach dh’fhalbh e co-dhiù is cha robh fhios aige càit’ an rachadh e ach, ràinig e abhainn. Smaointich e gum fuiricheadh e suas taobh na h-aibhne, gum feuchadh iad ri [cas-chrom/?] a chur air an t-àit’, e fhèin ’s na gillean. B’ e sin a rinn iad. Bha slat-iasgaich aige ’s tàbhan agus bhiodh e ag iasgach, bhiodh e a’ faighinn bric ’s bha sin gan cumail beò còmhla ris a’ bheagan a bh’ aca. Ach latha dhe na làthaichean dè rug air an loidhn’ aige ach bradan. Cha robh fhios aigesan dè bh’ anns a’ bhradan, ’s an t-iasg uabhasch a rug e air an loidhn’ aige ’s bha amharas air gun toireadh e bhuaithe an loidhne. Ach rinn iad a’ chòmhla a bhith a’ bruidhinn air na bradain an seothach agus rinn e a-mach gur e bradan a bh’ air an loidhne aige. Ach bha e ag obair air gus an d’ fhuair e, gus an do dh’fhàs am bradan cho sgìth ’s gun d’ fhuair e air ais air tìr. Fhuair e am bradan air tìr co-dhiù agus bha sgian aige agus thòisich e air a’ bhradan a chur air dòigh ’s dar a bha e a’ fosgladh a’ bhradain ’s dol a’ toirt a mhionaich às cha robh e tighinn air bàrr na sgian aige. Thug e a-mach an sgian is choimhead e oirre is bha reang aige air bàrr na sgian a bh’ aige. Thug e an reang far na sgian agus bha [XX] aige, is dh’fhalbh an reang a bh’ aige an seo dhan èisg. A h-uile èisg a chuireadh e air an reang a bha seo bha aige ri ghlanadh bhiodh an t-èisg bhiodh e donn! Ach mu dheireadh dh’fheuch e dè a’ bhlas a bh’ air an èisg, dè bhathaid ach fìon. Chreid e gur e fìon a bh’ ann. Agus, alright, chuir e air dòigh am bradan agus ghleus iad e agus bhruis iad am bradan ’s bha bradan is fìon aca fhèin ’s aig na gillean. Ach co-dhiù, chùm iad orra a’ dìreadh suas an abhainn seo… am feasgar a bha sin, ràinig iad camp, fhios agad? Camp … suas taobh na h-aibhne, pìos a-mach bhon abhainn is… chaidh iad a choimhead feuch an robh duine eile a’ fuireach sa champ. ’S cha robh duine sa champ ach bha bòrd air a sheatadh ann an sin agus biadh gu leòr air a’ bhòrd. Roghnaich iad gun gabhadh iad am biadh [XX] agus gun gabhadh iad anns an deagh shuipear a bh’ ann an seo ach thuig iad gur e àite faidhrichean a bh’ ann. Ach, thòisich iad, rinn iad fìon, thug iad a-mach am fàinne is thòisich iad, rinn iad gloinneachan de dh’fhìon agus pitcher de dh’fhìon a chur air a’ bhòrd is… dè dh’fhairich iad a’ tighinn ach na faidhrichean ’s iad ag obair air gabhail an suipear! Cha b’ e ruith ach leum leotha teicheadh, gun gheibheadh iad falbh, dhiochuimhnich dha aon de na gillean thug dìnnear leotha am fàinne. Cha tug, bha e an dèidh am fàinne a dhiochuimhneachadh air a’ bhòrd aig na faidhrichean. Cha robh comas air. Cha robh fhios dè an dòigh air an gabhadh am fàinne faighinn. Anns an ar leotha sin gun dèanadh e trì [earannan/?] air an oidhche, dh’fhalbhadh sìos fhear dhe na gillean an toiseach agus gum biodh e a’ coimhead feuch dè bha dol air adhart, feuch an amaiseachadh iad air an fhìon. Ràinig e is bha e a’ [faireadarach/?] ’s a’ coimhead is… bha iad nan suidhe aig a’ bhòrd as dèidh amas air an fhìon, bha iad a’ gabhail fìon. Agus dar a thug e treis a’ coimhead feuch dè bha dol air adhart, thill e air ais. Dh’inns e gun robh iad às dèidh a ghabhail an suipeir, às dèidh amas air an fhìon. Ach dh’fhalbh an dàrna fear dhe na gillean is… agus bha seo fear dhiubh, bucaidean aige ’s bha e a’ dol a dh’iarraidh uisg’.Agus bha ròp-tarraing aige ’s bha na faidhrichean a’ fàs ann an trum math uile gu lèir, ’s bha am fear seo fhèin a’ fàs làn ’s mun do dh’fhalbh e an seo, bha iad a’ fàs làn is thàinig am fear seo a-mach is bucaidean aige ’s e a’ dol a dh’iarraidh an t-uisg’, ’s bha e fhèin-sa làn agus thuirt esan ris gun rachadh esan a dh’iarraidh an t-uisg’ air a shon. E fhèin a ghabhadh na bucaidean is dh’fhalbh e a dh’iarraidh an t-uisg’ is chaidh e staigh leis an t-uisg’ is… Bha na faidhrichean mòra bha staigh air fàs cho làn ’s nach tug iad fo-near nach e am fear a b’ àbhaist a thàinig a-staigh agus thàinig am fear a b’ àbhaist a-staigh an ceann treis [...].Ach thuirt esan ris na faidhrichean a-nis gun robh esan airson [XX] fhèin fhaighinn airson dèanadh an fhìon, nan toireadh iad dha am fàinn’ airson fìon a dhèanadh. Is och… chaidh am fàinne a shìneadh dha airson am fìon a dhèanadh agus bha e ag obair air an fhìon a dhèanadh dhaibh agus dh’fhàs an t-, theirig an t-uisg’ agus thuirt esan gun robh esan a’ dol a dh’iarraidh air uisg’, dol dhan uisg’ a-nist. Dh’fhalbh e a dh’iarraidh an t-uisg’ is dar a fhuair esan pìos air falbh, dh’fhàg e na bucaidean air an talamh ’s theich e, am fàinne aige. Dh’fhalbh e dhachaigh. Am fàinne aige ’s ràinig e dhachaigh is… oh uill, bha iad cho toilichte aig an taigh gun d’ fhuair e am fàinn’ ach thuirt athair riutha nach dèanadh seo an gnothach nuair a gheibheadh iad fhaicinn dè bha a’ dol air adhart ’s gun do dh’ionndrainn iad am fàinn’. Agus… dh’fhalbh an treas fear dhe na gillean agus bha saighead aige – bogha is saighead. Agus thug e leis am bogha ’s an saighead. Dè bha na faidhrichean ach an dèidh fight, bha iad an dèidh a chèile a mhurt ’s a mharbhadh ach aon fhear. Agus bha am fear sin na shuidhe shìos ann an ceann shìos chionns… gun robh air fhàgail ann ach aon sùil. Agus bha an oidhche ann ’s bha an [XX] a bha san t-sùil a bha seo, bha e a’ cur [XX] dè bh’ ann. Ach thog e a bhogha ’s an saighead [...] is leig e air falbh an saighead nach do chuir e san t-sùil aig an [òigh/?] mhòr i. Nuair a thàinig e a bhruidhinn ris an [òigh/?] mhòr an uairsin thuig e gur e saighead a bh’ ann. “Tha thu glè mhath air an t-saighead, ’ille òig,” thuirt a’ [XX] mòr, “ach duine sam bith a chuireadh an t-sùil àsam,” ars esan. “Nam mharbhadh an … dobhar-chù air an loch seo shìos, ’s e gheibheadh e, nighean an rìgh ri phòsadh. Agus chan eil ach aon spot anns an dobhar-chù air an gabh a mharbhadh, tha spotan geal air anns a’ bhroilleach. ’S ma thèid agadsa air cuimseachadh air an … [XX] ’s a mharbhadh, gheibh thu nighean an rìgh ri phòsadh.” “Oh… feuchaidh mise air an dobhar-chù a’ tighinn air tìr air an loch. Bidh an latha a’ soillearachadh an uairsin.” Chunnaic iad beathach a’ tighinn air uachdar an t-uisg’. Bha e a’ teannadh air ’s a’ tighinn air tìr. Thug e an aire gun robh spotan beag geal air anns an uchd. Dar a bha e a’ teannachadh, [XX] thèid air cuimseachadh air ris an tide, ghabh e cuimseachadh feuch am bualadh e e sa spotan geala a bha seo. Leig e air falbh a shaighead ’s chaidh an t-saighead dìreach anns a’ bhroilleach aige, san spotan geal a bha seo agus thuit e air a thaobh air uachdar an t-uisg’. Bha … [XX] eile air tìr beagan air uachdar an t-uisg’ is ris an fhairg’ is… fhuair e ruitheachd air a thoirt air tìr. Bha e a’ coimhead air is, oh bha an leithid seo an dobhar-chù a chuala e mu dheidhinn. Thuirt a’ [XX] mòr ris gum faigheadh e air nighean an rìgh a phòsadh nam marbhadh e an [XX] seo le saighead. Bha e a’ dol seachad air taigh an rìgh is, och, bha fear uabhasach a bha seo agus bha e a’ coimhead air ’s an dobhar-chù aige na làimh. Thilg e bhuaithe an dobhar-chù ’s thuirt e nach robh esan dol a dhol a-staigh son an [òigh/?] a phòsadh, a dh’iarradh nighean an rìgh ri phòsadh nach robh fios dè dh’èireadh dha, ’s thilg e bhuaithe e. Chùm e roimhe dhachaigh, ’s ràinig e dhachaigh is dh’inns e mar a dh’èirich dha, an rud a rinn e. Thilg e bhuaithe an dobhar-chù. [XX] an rìgh air muc a ghabhail, bha mucan aige. Bha fear aige a bhiodh a’ biathadh nam mucan. Chaidh am fear sin a-mach a bhiathadh nam mucan agus dè chunnaic e ach an dobhar-chù? E marbh [air an rathad/?] is dh’aithnich e gur e an dobhar-chù a bh’ ann agus far an deachaidh an t-saighead anns an uchd aige. Rinn e greim air an dobhar-chù is dar a bhiodh e anmoch, uill chaidh e staigh far an robh an rìgh ’s an dobhar-chù aige na làimh. Thuit an [XX] an rìgh dar a chunnaic e gun robh am muc air a ghlasadh, e dol a dh’fhaighinn na h-ighne aigesan ri phòsadh. E fhèin ’s a bhean is an nighean i fhèin, cha robh i air an dòigh, bha ise faireachdainn cho dona ri gin dhiubh. Ach, ’s ann mar seo a bh’ ann. Ach ciamar seo nist’ a fhuair e às a sin? [BREAK IN TAPE 48:06] … a’ tighinn cuireadh mìos na bainnse. Chaidh iadsan ann son na bainnse. Bha seo trioblaid air choireigin an seo mu dheidhinn an [XX] seo. Ach, bha seo ma bha… cha b’ urainn dhan fhear a bha a’ dol a phòsadh nighean an rìgh fàinne obrachadh ge b’ e dè bha e a’ dol a dhèanadh, tuilleadh fìon na ge b’ e gu dè bha ri dhèanamh. Ach cha robh, ach thuirt an rìgh thòisich e bho dhuine gu duine na bh’ air a’ bhanais, feuch an robh duine ann a rachadh aige air fìon a dhèanadh leis an fhàinne. Ach bha an duine bochd a bha seo ’s na gillean a’ fuireach air falbh, leis gur e fear dhe na gillean a fhuair am fàinne. ’S cha robh fhios, dh’fhaoidte, dè bha dol a thachairt dha nan dèanadh e fìon dhan [dìleachd/?]. Farraid iad air an duine bochd a bha seo ’s na gillean ’s dh’èigh an rìgh orra gun fheumadh iad tighinn ’s feuch an dèanadh a… an t-uisg’, am fìon ri dhèanamh. Dh’fheuch a’ chiad fheadhainn dhe na gillean san dàrna ghille seo an toiseach ’s dh’fheuch an gille seo an toiseach, am fear a bu shine dhe na gillean. Bha a’ chuid a b’ fheàrr dhen fhìon aige. Ach seo am fear a dh’obraich an gnothach a-mach ’s fhuair e air innse gur e esan a mharbh an dobhar-chù. Agus an rud a dh’èirich dhan fhear a bha dol a phòsadh nighean an rìgh agus e dìreach deiseil airson a pòsadh, chaidh a chur gu bàs, nighean an rìgh a thoirt dhan fhear-sa. Agus phòs e fhèin is nighean an rìgh. Fhuair iad àite brèagha air a dhèanadh dhaibh air àite, àite rìgh dha fhèin ’s a mhac ’s na gillean eile. Bha mise aig a’ bhanais de Sheusar, de rìgh.Bha mise air a’ bhanais aige. Dar a bha mi falbh fhuair mi [ìm/?] air fhèill aige agus [XX] aige. Faighte brògan fibre, leis na brògan fibre shràc iad orm, ’s startadh e air na seann bhrògan a chosg mar a bha mi roimhe. There you go boys. [END OF TAPE]