GU_AJ_Smith_03 [JCM:] Jim Charles MacNeil [AJS:] AJ Smith [JCM:] Agus, bhiodh iad sin a’ magadh orm, na gillean òga, bha iad a’ magadh ort. Is co-dhiù, thàinig mise dhachaigh agus anns an t-seann aimsir, anns an Eaglais Phàpanach, agus… aig na Pàpanaich, cha robh còir againne ri dhol a-staigh dhan Eaglais Phròstanach idir. Cha robh e freagarrach a dhol a-staigh. Bha thu a’ dèanamh dearmad eagalach ma chaidh thu staigh dhan Eaglais Phròstanach. Ach, bha mise, bha mise a’ fuireach am measg Phròstanaich, agus nuair a dh’eug, gheibheadh cuideigin am bàs, dh’fheumainn a bhith nam, mar a chanas iad, pallbearer, agus bha mi daonnan- ’s e na caraidean a b’ fheàrr a bh’ agam ’s e Pròstanaich. Ach co-dhiù, nuair a thàinig mi dhachaigh bha seann bhoireannach, caraid dhomh fhèin, bha i a-staigh is bha i a’ cantail: “oh dh’èist mi gun robh mi anns an Eaglais– och,” ars ise, “nuair a chluinneas MacEadhmuinn, an sagart-paraiste, nuair a chluinneas esan sin, ars esan, cuiridh e air cùl eaglais thu ... rinn thu dearmad eagalach, bha e eagalach, fhios agad, an rud a rinn thu.” Ach cha bhiodh glè fhada gus an cluinneadh e. Agus bha mi fhìn agus MacEadhmuinn, mar a bha mi ag innse dhuibh roimhe, ’s e a’ Ghàidhlig a dh’ionnsaich mise ’s e a’ Ghàidhlig a dh’ionnsaich MacEadhmuinn dhomh. A’ chiad Ghàidhlig a bh’ agam, cha robh ann ach Beurla is Gàidhlig am measg a chèile. ’S bha mi deich bliadhna a dh’aois, cha chreid mi– tha mi smaointinn gun do dh’inns mi sin cheana dhuibh, mun do dh’ionnsaich mi aon fhacal de Ghàidhlig. Oir dh’eug mo mhàthair nuair a bha mi sia latha a dh’aois agus an uairsin chaidh mo thoirt a dh’ionnsaigh mo sheanmhair. ’S bha i na ban-Èireannach a thàinig à taobh a tuath Èireann agus cha do bhruidhinn i aon fhacal Gàidhlig ann an Èirinn, Gàidhlig Èireannach neo Gàidhlig Gàidhealach fhad ’s a bha i beò. Agus ’s e mise, bha mi na mo [XX] mar a chanadh iad, mùgan mun cuairt, fios agaibh. Agus co-dhiù thuirt mi ris a’ bhoireannach seo ‘cha bhi fada gus an cluinneadh e’. Chaidh mi nuas, bha e nam fhasan fhàgail a’ dol gam èisteachd a h-uile dà sheachdain, chionn bha e na dhleastanas oirnn mar Phàpanach gun rachamaid a dh’èisteachd, dhan èisteachd is mar dhuin’ òg cha robh mise diofraichte seach duine sam bith eile. Bha sinn a’ dèanamh nithean a bha sinn fhìn a’ smaointinn a bha na pheacadh uabhasach, ged an-diugh chan eil e ’s cha robh, ach aig an àm sin bha iad ga innse seo dhuinn. Agus, nuair a ràinig mi shìos far a bheil, canaidh iad, an Legion, the Legion Cornery, seòrsa de legion an-dràsta, ’s e … Eadaillteach a bh’ ann, Italian, ’s e bha fuireach an sin is bha taigh mòr aige ann … cha dh’èigh mise fhathast dha ach Cosalina Cornery. Co-dhiù, cò chunnaic mi a’ tighinn gam ionnsaigh a-nuas an t-sràid ach mo shagart-paraiste MacEadhmuinn. ’S sheas mi far an robh mi gus an tàinig e agus: ‘Oh,’ ars esan, ‘tha thu a’ dol sìos gu d’ èisteachd.’ Tha, an sagairt a bha ga chuideachadh, mar a chanas iad ann am Beurla, curate, bha, ars esan aye ‘aig èisteachd’. ‘Oh, chan eil mi dol thuige idir tha mi dol a fheitheamh gus an till sibhse.’ ‘Tha mise,’ ars esan, ‘a’ dol dhan oifis,’ ars esan ‘a dh’iarraidh am mail, na litrichean,’ ars esan agus, ‘Oh tha mise a’ falbh còmhla riut.’ ‘Oh glè cheart,’ ars esan, ‘glè cheart.’ Is ràinig sinn shuas nuair a fhuair e na litrichean ’s ge b’ e gu dè a bha sa bhocsa, thàinig e a-mach. Sheas e mionaid bheag is bha bat aige na làimh. Thuirt e, thuirt mise ris: ‘Nis,’ arsa mise ‘tha mise dol a dh’fhaighneachd rudeigin dhuibhse. ’S tha mi dol a dh’iarraidh oirbh comhairle a thoirt dhomh. ’S tha fios agam nach ruig mi leas, nach ruig mi leas iarraidh oirbh còmhraidh ceart a thuirt orm chionn tha fios agam gun toirt thu dhomh e, ceart neo ceàrr.’ Is dh’inns mi dha gun robh mi, gun robh mi anns an Eaglais aig an t-seirbheis an oidhche Dòmhnaich deireadh-seachdain … agus, nuair a chaidh mi dhachaigh bha an t-seana bhoireannach a bh’ ann an seo agus bha fhios aige air cò bh’ ann, bana-charaid dhomh fhèin agus oh, chaidh i dìreach às a ceann, gun cuireadh tusa mise air cùl eaglais. ‘Och,’ ars esan, ‘Nist’’, ars esan, ‘na thàinig tusa a-mach às an eaglais,’ ars esan, ‘Dh’inns mi dhi mu dheidhinn mar a chaidh mi staigh air fìor-charaid dhomh a bh’ ann am MacCodruim agus MacFhionghuin agus am Fearghastanach. Agus…’ ‘Nuair a thàinig tusa a-mach às an eaglais,’ ars esan, ‘nuair a thòisich thu air magadh’, magadh air an t-seirbheis, uill seirbheis Pròstanach bha e diof– diofarach do sheirbheis Pàpanach. Agus glè thric, nuair a rachadh daoine a-staigh, bhiodh iad a’ magadh air, bhiodh iad a’ … uill math dh’fhaoidte nach ann a’ magadh orra ach bhiodh iad a’ bruidhinn mu dheidhinn agus a’ bruidhinn mu dheidhinn. Is thuirt am ministear seo, thuirt am ministear sin. Is thuirt mise ris: ‘Athair,’ arsa mise, ‘Cha chuala mise sìon anns an eaglais airson a bhith a’ magadh air. Chuala mi am ministear… rinn e searmon a bha àlainn cho fad ’s a bha mise, rinn e searmon fìor mhath is bu chòir do dhuine sam bith èisteachd ris agus a bhith cinnteach gun robh e tuigsinn dè bha e a’ cantail. Agus cha robh nì sam bith agamsa air, cha robh reusan sam bith agamsa magadh air. Ach, cho fad ’s a tha mise … cha dèanainn-sa magadh air seirbheis sam bith.’ Agus… ‘Coimhead,’ ars esan, ‘rinn thu, cha d’ rinn thusa sìon ceàrr airson a dhol a-staigh dhan eaglais airson èisteachd ris a’ mhinistear ach ma thàinig tusa a-mach ’s ma thòisich thu air magadh air seirbheis a’ mhinisteir, mar glè thric a tha iad a’ dèanamh,’ ars esan, ‘bha thu an uairsin a’ dèanamh peacadh. Chionn cha dèan math dhut,’ ars esan, ‘dearmad sam bith a dhèanamh air facal Dhè.’ Agus thionndaidh mi ris an uairsin agus thuirt mi ris: ‘Nist’,’ arsa mise, ‘mar a tha fios agaibh pèin, tha mise a’ fuireach am measg Phròstanaich, ’s e mo nàbaidhean uile gu lèir a tha Pròstanaich. Agus a h-uile duine a dh’eugas na a h-uile duine a bhios tinn neo rud sam bith ’s e, canaidh iad, ‘oh èigh air Seumas Teàrlach, èigh air Seumas Teàrlach’ agus bha mi nam, bha mi aig… na tòrraidhean aca ’s nam phallbearer, mar a chanas iad ann am Beurla.’ Agus thuirt mi ris: ‘Nis,’ arsa mise, ‘tha mi dìreach a’ dol a dh’fhaighneachd dhuibh. Tha fhios agaibh pèin,’ arsa mise, ‘gur e an dàrna fàitheant, an dàrna fàitheant,’ arsa mise, ‘bheir gaol dod nàbaidh mar dhut fhèin. Ann am Beurla, canaidh iad love thy neighbour as thyself. ‘Agus, dè nis mar a tha mise dol a thoirt gaol dom nàbaidh mura h-urrain mi dol air an tòrradh aige, mura h-urrainn mi dhol a-staigh dhan eaglais dhan an t-seirbheis aige, na mura h-urrainn mi a h-uile sìon a’ leantail mar bu chòir dhomh aig tòrradh sam bith?’ Agus an fhreagairt a thug e dhomh: ‘dèan thusa dìreach na tha do chuinnseas a’ giùlain’ agus sin mar a rinn mise riamh às a dhèidh sin. ‘Dèan mar a tha do chuinnseas a’ giùlain.’ Tionndaidh sin [...] [JCM:] A-nis, cha chreid mi nach do dh’fhaighnich sibh dhomh mu dheidhinn mo shinnsridh a thàinig à Barraigh. [AJS:] Seadh? [JCM:] Uill ’s e Dòmhnall Murchaidh agus a dhithis pheathraichean a dh’fhàg Barraigh aig an àm, cha do dh’fhàg gin dhen teaghlach ach an triùir aca. Agus thèid mise air n-ais mar seo: ’s e mise Seumas Teàrlach mac Ìomhair mac Sheumais mac Dhòmhnaill mac Mhurchaidh mac Sheumais mac Dhòmhnaill. Mar a thuirt mi. [AJS:] Dè a’ Bheurla a th’ agaibh air Ìomhar? [JCM:] Edward. [AJS:] Edward. [BREAK IN TAPE] [AJS:] …a dh’fhàg Barraigh? [JCM:] Dòmhnall Murchaidh. [BREAK IN TAPE] [AJS:] Ceart, tha e a’ dol. [JCM:] Niste, chan e a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan a dh’ionnsaich mise. Bha mise deich bliadhna a dh’aois mun do bhruidhinn mi aon fhacal Gàidhlig, agus an reusan a bha sin, bha mo sheanmhair, ban-Èireannach a thàinig o taobh a tuath Èireann, ’s e Margaret Gallacher a chanadh iad rithe ann am Beurla, agus cha do bhruidhin i Gàidhlig Èireannach neo Gàidhlig Ghàidhealach, anns an ùine a bha i beò, agus bha i pòsta aig mo sheanair. Agus mar sin cha do dh’ionnsaich mise a’ Ghàidhlig. Ach, bha piuthar– bha dithis pheathraichean mo sheanair a’ fuireach ann an taigh beag air an àite, air an aon àite, àite mo sheanair, agus cha robh aon fhacal Beurla aca. Agus bha iadsan… nuair a bha mise nam mhùgan a’ ruith mun cuairt, fhios agad, ’s e mar a chanadh iad an aon bhèibidh a bha ann, agus nuair a rachainn a-null a dh’ionnsaigh an taigh acasan, thigeadh tè dhe na, tè dhe pheathraichean mo sheanair, Ceit a theireadh iad rithe, thigeadh i mach is bhiodh bonnach, pìos bonnach aice. Nis tha fhios agaibh pèin dè th’ ann am bonnach bho chionn, feumaidh gun robh bonnach aca anns an t-Seann Dùthaich. Agus chuireadh i an toiseach ìm air a’ bhonnach agus chuireadh i an uairsin siùcar donn, cha robh a leithid ri siùcar… siùcar geal anns an àm sin ann. Agus shìneadh i dhomhsa agus bha fhios ’am gun robh i ag iarraidh orm am pìos bonnach a ghabhail a bha i dèanamh agus chanadh i: “An gabh thu bonnach a luaidh?” Sin a’ chiad Ghàidhlig a dh’ionnsaich mise. Ach co-dhiù, bha... bha m’ athair ’s mo … a h-uile gin dhen teaghlach, bha Gàidhlig aca, agus nuair a phòs m’ athair an dàrna turas bha mise aona bliadhn’ deug a dh’aois. Agus bha [XX] mar a chanas iad ann an Gàidhlig, bha i na, ’s e Gàidhlig a b’ fheàrr a bh’ aice bruidhinn, agus anns an dòigh sin, bha a’ Ghàidhlig— bha mi bruidhinn Gàidhlig fad na h-ùine. Agus… ach, a’ Ghàidhlig a bh’ agam, ’s e bh’ ann ach seòrsa de… de ghibberish mar a chanas iad. Cha robh ann ach leth Gàidhlig is leth Beurla. Nuair a thill mise a Shidni, nuair a dh’eug m’ athair is a thill mise a Shidni, ’s a thàinig mi a dh’ionnsaigh paraiste A’ Chridhe Naoimh mar a tha mi ann an-diugh, tha mi ann fhathast, ’s ann a chaidh mo bhaisteadh. An sagairt paraiste a bh’ aca ’s e MacEadhmuinn, MacAdam sa Bheurla, MacEadhmuinn. ’S e fìor Ghàidheal agus fìor sgoilear Gàidhlig a bh’ ann agus thòisich iad a’ … an toiseach bha Comunn Gàidhealach againn agus dh’fhalbh sin an uairsin is thòisich esan an uairsin, chuir e air bonn comunn Gàidhlig ris an canadh iad Comunn Gàidhealach Chaitligeach Chanada. Agus bha mise nam mhùgan mu chuairt … bha mi còmhla ris, faodaidh mi cantail a h-uile latha, tacan beag air choreigin mura robh mi ann san latha bha mi san oidhch’ agus bha e ag ionnsachadh a’ Ghàidhlig dhomh ’s nuair a chanainnsa facal ann am Beurla a bu chòir a chantail ann an Gàidhlig dh’ionnsaicheadh esan dhomh dè bu chòir dhomh a chantail. Agus, nuair a… cha robh mi glè fhada, cha robh mi glè fhada sa Chomunn nuair a chaidh mo chur nam cheann-feadhna air Comunn ceann-tighearna, ’s e an t-ainm a bh’ aca – Comunn ceann-tighearna agus a… Chaitligeach Chanada is chaidh mise a chur nam cheann-feadhna, mar a chanas iad, chief anns a’ Bheurla. Agus… oidhche àraid a bh’ ann an sin bha esan air falbh, ’s e esan an sagairt spioradail againn agus ’s e esan an oide-stèidhidh a stèidhich seo. ’S bha, nuair a dh’eug esan bha trì deug de Chomuinn air an eilean agus trì air tìr mòr, mar a chanas sinne, Nova Scotia. Co-dhiù, an oidhche àraid a bha seo, cha robh esan aig a’ choinneamh, bha e shuas ann an Antigonish neo an àiteigin agus … dh’èirich fear dhe na h-oifigich is thuirt iad gun robh esan a’ dèanamh gluasad ann am Beurla, gum b’ fhiachamaid ri … coinneamh Gàidhlig a bhith againn gun aon fhacal a chantail ach Gàidhlig. Agus dh’èirich mise mar cheann-feadhna agus thuirt mi nach robh Gàidhlig gu leòr agamsa air a shon sin, agus nach robh… an clàr-innse nach robh i ann an Gàidhlig, gur ann am Beurla a bha i ’s chan eil na… bha e gus a bhith uabhasach doirbh dhomhsa seo a h-eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus… dh’iarr iad orm suidhe. Dh’èirich iad is bha iad uile gu lèir airson seo a dhèanamh. Co-dhiù, bha mise mar Ghàidheal a bhiodh daonnan deiseil airson a h-uile sian a dhèanamh airson Gàidhealtachd is thuirt mi rium fhìn: “Tha mise dol a sgrìobhadh gnothach… mar a chanas iad, am business programme, tha mise dol ga sgrìobhadh ann an Gàidhlig mar as fheàrr as urrainn dhomh agus chan eil mi dol a leigeil sìos [XX].” Co-dhiù an ath oidhche nuair a thàinig esan, bha, thòisich sinn ann an Gàidhlig, agus dh’eadar-theangaich mise a’ chlàr-innse… business, mar a chanas iad, am business, cho math ’s a bha mi fhìn a’ smaointinn a bha ceart. Agus thòisich mi ’s a’ chiad rud a thuirt mi: “Gabhaidh gach oifigeach— bidh a-nis a’ choinneamh a’ fosgladh, sin a’ chiad rud a thuirt mi, ’s gabhaidh gach oifigeach àite fhèin air a’ chòmhnard.” A’ chòmhnard, ’s e sin ann am Beurla ‘platform’. “Bidh a’ choinneamh a-nis a’ fosgladh le ùrnaigh leis an t-sagart spioradail MacEadhmuinn. Agus … cluinnidh sinn a-nis, leughaidh a-nist’ an rùnaire… mion-chunntais na coinneimh mu dheireadh.” Agus … that’s minutes. Thòisich am fear sin is bha e glè mhath, bha iad uileadh nan sgoilearan Gàidhlig na b’ fheàrr na bha mise, ged a bha mise a’ bruidhinn Gàidhlig nach robh acasan agus cha robh fhios aca cò dh’ionnsaich e dhomh. Co-dhiù, thuirt mi an uairsin, rinn iadsan gluasad an uairsin, rinn iad gluasad gun rachadh am mion-chunntais a ghabhail a-staigh mar [leughadh/?]. Ach, gu mì-fhortanach, anns an eadar-theangachadh bha mise … cha do smaoinich mi air dè chanainn nuair a ghluaiseadh iad agus a chaidh taic a chur ris a’ ghluasad, bha sin agam ach robh fhios ’am dè theirinn air, agus… oh, mar sin, dìreach ann am mionaid chuir esan, an sagart, chuir e a bheul nam chluais is thuirt e: “Ge b’ e cò tha na aghaidh, canadh iad na aghaidh ’s ge b’ e cò tha leis canadh iad leis.” Sin an… sin an aon dearmad a rinn mi agus… co-dhiù, an uairsin bha fios bho chomhairlean, that’s committees, na [litrichean/?]-fiach, bills, agus gnothachan cumantas, sin general business agus… nuair a dh’èirich esan gu bruidhinn thuirt e: “Cha robh fhios ’am,” ars esan, “gu dè theirinn nuair a chuala mi gun robh coinneamh ga… ga chumail ann an Gàidhlig. Ach a-nis, a-nis,” ars esan, “a h-uile chiad choinneamh dhen mhìos,” bha dà choinneamh sa mhìos againn, “a’ chiad choinneamh dhan a h-uile mìos,” ars esan, “bidh e ann an Gàidhlig,” ars esan, “agus an dàrna coinneamh ann am Beurla.” Agus a-nis, dh’ionnsaich esan dhomhsa na faclan a bha agam ri chantail ann am Beurla– ann an Gàidhlig, a bha mi cantail ann am Beurla. ’S tha cuimhn’ agam air oidhche àraid, bha mi nam sheanchaidh an oidhche sin. Tha cuimhn’ agam air oidhche àraid bha fear, Benson Mac ’illFhialain, oh bàrd ainmeil agus fìor-Ghàidheal agus bha e na fhìdhleir ainmeil. Agus bhiodh e daonnan aig a’ choinneamh. ’S bha mise ag èigheach a-mach an rud a bh’ air clàr na fearas-cuideachd is dh’èigh mi airsan, thuirt mi: “bidh sinn a-nist’,” arsa mise, agus mar a chluinn— mar a smaointeachas sibh fhèin, tha ‘ceòl’ agus ‘cèo’, music and fog, bha iad cho dlùth ri chèile, fhios agad, so bha e doirbh dhomhsa seo a chantail. ’S dh’èigh mise mach ann an Gàidhlig, bha mi smaointinn, cha robh mi cho math anns a’ Ghàidhlig is dh’èigh mi a-mach: “Bidh Benson MacAlaney a th’ air a’ chlàr seo, [XX] air a’ chlàr,” ’s e thuirt mi. “’S e ceò air an fhidheall, ceò, ceòl air an fhidheall le Benson Mac ’illFhialain.” Agus thàinig esan a-nuas ’s sheas e dìreach mum choinneamh: “Tha mi cinnteach,” ars esan, “gum feuch mise ri ceò a thoirt às an fhidheall.” Which means fog. Ceò a thoirt às an fhidheall. ’S bha mise riamh toilichte gun tuirt e sin, a chionn, chunnaic mi anns a’ mhionaid far an d’ rinn mi dearmad anns an dà fhacal. Agus tha mi smaointinn, anns a’ Ghàidhlig, gum faigheadh sibh, gheibh sibh neart— bheil seo air? Gheibh sibh neart de dh’fhaclan a th’ aig an dàrna… tha iad gu math, tha iad gu math goirid dha chèile. [AJS:] Anns an fhuaim? [JCM:] Aye. Agus sin agaibh a-nis mar a dh’ionnsaich mise. An uairsin, MacEadhmuinn seo, thuirt e rium: “Tha an àrd-choinneamh,” ars esan, “gus a bhith air a chumail ann seo ann an Sidni. Agus tha mise ag iarraidh ortsa, tha mise ag iarraidh ortsa co-ghàirdealas is a bhith nad neach-fàilte, fàilte a thairgsinn dhan a h-uile duine a thig as leth a’ Chomuinn,” ars esan, “ann an Gàidhlig. ’S na can aon fhacal ann am Beurla.” “Oh, cha dèan mise sin, chan eil mise nam sgoilear, chan eil mise nam sgoilear Gàidhlig air a shon sin. Nì sibhse sin sibh fhèin.” “Cha dèan,” ars esan, “nì thusa e, agus innsidh mi dhut an rud a nì thu: sgrìobh thusa sìos ann am Beurla an rud a tha thu airson a chantail agus eadar-theangaich e ann an Gàidhlig, ’s facal sam bith nach urrainn dhut a chantail, can nach urrainn dhut a chantail ann an Gàidhlig, thig thugamsa is innsidh mise dhut dè chanas tu.” Co-dhiù, bha sin ceart gu leòr. Rinn mi dìreach mar a dh’iarr e orm agus dh’eadar-theangaich mi a h-uile facal. Ach gu dè thachair? Ach deich latha fichead mun robh an àrd-choinneamh againne, dh’eug an t-Urramach MacEadhmuinn. Bha an òraid a bha mise a’ dol a thoirt seachad, bha i… dh’fhalbh i, cha robh an [dàrna leughadh/?], bha an rud a dh’ionnsaich mi, bha dìreach mar gun canadh tu entirely out. ’S bhruidhinn mi an uairsin, bhruidhinn mi ris na h-oifigich eile is, oh bha iad uileadh a’ bruidhinn Gàidhlig. “Oh,” thuirt iad, “na dèan, coma leat, na bi bruidhinn mu dheidhinn sin idir. Tha esan marbh a-nis agus chan eil e dol a chantail guth riut mu dheidhinn mura can thu Gàidhlig. Ach, bheir dhaibh… bheir dhaibh sin ann am Beurla,” ars iadsan. “Fàilte ann am Beurla.” Dìreach, arsa mise às na speuran, thuirt mi: “Cha do dhiùlt mise sìon dhasan riamh ann an Gàidhlig, ’s chan eil– fhad ’s a bha e beò, ’s chan eil mi dol ga dhiùltadh nuair a tha e marbh.” Seo mar a thachair dhomh. Dh’eadar-theangaich mi òraid eile chionn bha agamsa ri innse dhaibh gur esan an oide-stèidhidh, ’s gur e a stèidhich an Comann, agus bha a’ chathair aigesan aig an àrd-choinneamh, bha i air a– bha i air a còmhdachadh le, ann an dubh, gus an cuireadh an t-easbuig duin’ ùr na àite. Agus dh’ionnsaich mi e, dh’eadar-theangaich mi e, bha mi ag obair air, bha dà sheachdain, a dhà neo trì sheachdainean ann. Chaidh mise a-staigh dhan eaglais [...] bha, deich latha fichead an dèidh a bhàis bha, ris a chanas iad anns a’ Bheurla, mass, air a shonsa. Sin an aifhreann a bha a’ fosgladh a’ choinneimh. Bha mise aig a’ chathair mu dheireadh a bha san eaglais, air mo chòmhdachadh ann an deise Ghàidhealach, agus cha tug, cha do ghabh mise facal ùrnaigh fhathast ach a’ smaointinn air dè bha mi dol a dhèanamh. Bha trì, bha trì fichead ’s a còig de shagairt ann, bha an t-easbuig ann agus bha ceithir fichead eadar bhoireannaich agus fireannaich, mar a chanas iad ann am Beurla delegates, ann. ’S bha mise a’ cuimhneachadh giobag mar a tha mise, a’ dol suas air a’ chòmhnard, agus a’ dol a dhèanamh òraid mu choinneamh nan daoine ionnsaichte seo. ’S co-dhiù, dh’fhàg mi an eaglais, chaidh mi staigh ’s chaidh mi suas – tha seo a-nist’ cho fìor sa tha mise ga chantail – chaidh mi suas dhan àrd […] chaidh mi do sheòmar beag air chùl ’s chaidh mi air mo dhà ghlùin, ’s rinn mise ùrnaigh ris an t-Urramach MacEadhmuinn, cha do rinn mi ùrnaigh ri Dia neo ri Moire neo ris gin dhe na… duine sam bith ach esan. ’S dh’iarr mi air dìreach mar gum bithinn a’ bruidhinn ris fhèin: “Bheir dhomhsa, bheir dhomhsa neart airson a dhol agus seo a dhèanamh mar a bha thusa ag iarraidh.” Choisich mise a-mach às an t-seòmar bheag a bha sin ’s chaidh mi suas a dh’ionnsaigh… a dh’ionnsaigh a’ chòmhnaird far an robh an àrd-cheann-feadhna, bha e na Ghàidheal uasal agus b’ aithne dhomh e glè mhath, agus ged a chuireadh tu peilear annamsa cha ghluaisinn. Thug mi seachad an òraid agus thuirt, an ceann-deireadh a bh’ agam air an òraid ’s e a-nist’ a bhith ag iarraidh air an àrd-cheann-feadhna an àrd-choinneamh fhosgladh agus a riaghladh mar a chìtheadh e fhèin iomchaidh agus choisich mi air ais. Bha seann sagart MacFhionghuin a bh’ ann, às a’ Mhèinn a Tuath, Sydney Mines a bh’ ann, bha esan dìreach goirid dhomh nuair a chaidh mi seachad agus ruig e làimh orm. “Bha sin math,” ars esan, “carson nach do chum thu romhad?” “Uill nam biodh fhios, a shagairt, cho doirbh ’s a bha e dhomhsa siud a chur ri chèile, cha chanadh sibh sin.” ’S chum mi romham. Agus bha mise còmhla ri MacEadhmuinn on a bha mi còig bliadhn’ deug a dh’aois gus an robh mi nam, mar a chanas iad, pallbearer, chaidh mi dhan chladh nam phallbearer còmhla ris. Agus sin agad am fear a dh’ionnsaich dhomhsa a’ Ghàidhlig cheart agus Eòghann MacCoinnich, Dia bhith toirt fois dha anam, bhiodh e daonnan a’ cantail rium: “Uill, carson nach… tha thu a’ bruidhinn Ghàidhlig ro dhomhain.” Ach nuair a dh’ionnsaich esan seo dhomhsa cha b’ urrainn dhomhsa Gàidhlig a chantail ach an fhìor-fhacail. Chanamaid sinne anns an t-seann aimsir ri poit tì, poit bhrùthaidh, chanamaid stòbh ris an stove, ‘teasaiche’. Agus ’s e fear à Uibhist a dh’ionnsaich dhomhsa na faclan sin. Ach dh’ionnsaich esan iad anns an Uibhist. [AJS:] Cò às a bha MacEadhmuinn? [JCM:] Bha, canaidh sinne, canaidh sinne … dè a-nis mar a chanas sinn ann am Beurla, East Bay, ’s e bha, north side of East Bay. Am Bàigh an Ear, Am Bàigh an Ear, taobh a tuath Am Bàigh an Ear ann an Gàidhlig. [AJS:] ’S ann an sin a rugadh e? [JCM:] ’S ann a rugadh ’s a dh’àraicheadh e. [AJS:] Agus ’s ann a dh’ionnsaich esan a’ Ghàidhlig? [JCM:] ’S ann a dh’ionnsaich e Gàidhlig is dh’ionnsaich e, chaidh e an uairsin dha na colaistean is, ach bha a’ Ghàidhlig agus bha a’ Ghàidhealtachd ann o thùs agus dh’ionnsaich e leabhraichean agus rud a b’ urrainn dhut– Bhithinn-sa falbh còmhla ris, bhithinn a’ falbh còmhla ris uaireannan nuair a bhiodh e a’ dol air turas, math dh’fhaoidte a dh’Eilean na Nollaig neo dhan a’ chaolas, a’ Chaolas Mòr mar a their sinne, Grand Narrows, neo Castlebay, Bàigh a’ Chaisteil agus … bha fhios aige air a h-uile duine a thàinig a-nall às an t-Seann Dùthaich a bha nan stèidhichean. ’S dh’inns e dhomhsa cò bh’ ann is cò às an tàinig iad agus… nuair a bhithinn còmhla ris bhiodh e daonnan ag iarraidh orra ‘oh gabh òran, gabh òran’ agus dh’innseadh e dhomh cò rinn an t-òran às an t-Seann Dùthaich agus carson a rinn e e is a h-uile sìon dhe sin. Nis bha, a’ bruidhinn air òrain a-nis bha, bha òran agam a bha mi airson innse dhuibhse. Niste, tha mi gar cumail ro fhada, tha mi cinnteach. [AJS:] Oh chan eil, ùine gu leòr agamsa. [JCM:] A-niste, anns an t-seann aimsir, anns an t-Seann Dùthaich… na Sasannaich, agus na daoine mòra, bha ceann sìos aca air na Gàidheil, tha fios agaibh air a sin. Agus bha… cha dèanadh math do dhuine sam bith a bh’ ann na dhuine mhòr sam bith, a mhac neo sìon, dèanamh suas le nighean Ghàidhealach. So bha ise mach, fhios agad, bheil sin a’ falbh? [AJS:] Tha. [JCM:] Agus bha nighean àraid seo bha i anns an t-Seann Dùthaich agus… rinn i, thàinig saighdear is choinnich e rithe. Agus rinn i… coibhneas ris, fhios agad, agus bha iad nan companaich. Agus fhuair a h-athair ’s a màthair a-mach, fhios agad, gun robh i na companach bha seo. Dhùin iad suas ann an seòmar i, fhios agad, cha robh gnothach aice a bhith… bha an Gàidheal ro ìosal, bha e ro ìosal nan… earbs, na spiorad. Agus, co-dhiù rinn e òran mu dheidhinn agus seo agaibh an t-òran. Nis, math dh’fhaoidte nach fhaigh mi a chur ri chèile ceart, mar a thuirt mi, tha mi a’ fàs diochuimhneach is tha mi sean agus, ach seo mar a thòisich e… [AJS:] Na Johnstones a bh’ ann? [JCM:] Clann Iain. [AJS:] Seadh. [JCM:] Bha mise shuas aig àite far an can iad An Caolas Mòr, the Grand Narrows, feasgar agus thàinig an teachdaire a-staigh, is dh’fhaighnich e dhomh an rachainn a-null a choimhead air … nàbaidh a bh’ ann an sin, MacNèill. Thuirt mi gun rachainn, thuirt mi gun rachadh ’s chaidh mi null is cò bh’ aig a’ bhòrd aig an àm ach MacNèill ’s a bhean agus Anna NicIain. Bha i na ban-sgoilear ann am Barraigh, Gàidhlig agus Beurla. Agus bha mi toilichte coinneachadh rithe agus shuidh sinn, shuidh mi aig a’ bhòrd còmhla riutha agus ’s e am biadh a bh’ againn, trosg às a’ Bhras d’ Òr a thug iad a-staigh am feasgar sin, agus buntàta breac. Anns a… riamh ann an seo, anns an dùthaich seo ’s e buntàta breac agus trosg neo sgadan, ’s e biadh mòr a bh’ ann, biadh math.Agus anns a’ chòmhradh a bh’ againn thuirt mi rithe gun do leugh mise litir a thàinig a-nall à Barraigh ann an Gàidhlig gu fear MacDhùghaill ann am Bàgh a’ Chais– Bàgh a’ Ghlainne, Glace Bay, cha toil leis an fheadhainn ann an Glace Bay ‘Bàgh a’ Ghlainne’ a chantail ris ach ’s e sin, siud an t-ainm air, Bàgh a’ Ghlainne. Agus thuirt mi, gabh mo leisgeul, thuirt mi… [BREAK IN TAPE] [JCM:] Agus dh’inns mi dhi mu dheidhinn an litir a bha seo a leugh mi agus ’s e naidheachd a bh’ ann. Bha boireannach a bha seo, chaidh i mach a’ fritheal mu chuairt air gnothach fritheal na h-oidhche, [XX] cearcan is a leithid sin. Ach mun a dh’fhalbh i, chuir i, bha i a’ dèanamh deiseil airson an t-suipear. Agus chuir an tì, mar a chanas sinn ann am Beurla, chuir i ann am poit aig an t-similear. Ach ’s e a’ Ghàidhlig a th’ air teapot ’s e poit bhrùthaidh agus ’s e poit, poit car rìomhach a bh’ ann. ’S bha esan na shuidhe ’s an doras fosgailte, bha e a’ càradh lìon, lìon sgadain. ’S tha e coltach, anns an t-Seann Dùthaich nuair a bhiodh ùine aca nach robh iad a’ dèanamh sìon eile bhiodh iad a’ càradh an lìon airson a bhith deiseil airson obair an [Earraich/?]. Agus cò, dè thàinig a-staigh ach cat mòr coigreach cat nach robh fhios aige cò leis e. Choisich e suas gu [faiceallach/?] is choimhead– shuidh e dìreach ri taobh a’ phoit tì. ’S an cnac, ’s e cnac, bhiodh e cruaidh a bhiodh aca airson a bhith a’ tomhais na maide a bha aige na làimh is thug e air a’ chnac is leig iad… leig e leis a’ chnac falbh gus am bualadh e an cat, ’s an àite bualadh a’ chat, dè rinn e ach a’ phoit tì a bhualadh? ’S rinn e smithereens dheth. Bhrist am poit tì na mhillean, is mhothaich e an uairsin gur e a’ phoit tì a thug a’ mhaighdeann a bh’ aca nuair a phòs iad leth-cheud bliadhna roimhe sin a bhrist e. ’S cha robh fhios aig a’ [XX] dè dhèanadh e ach bha fhios aige nuair a thigeadh a bhean a-staigh gum biodh i gu math feargach mu dheidhinn ’s… an nì a rinn e, leum e às an t-sèithear is chaidh e a-staigh dhan t-seòmar-caidil ’s thòisich e air èigheadh ’s air gearain is air èigheadh. Is thàinig ise staigh: “Dè a Dhia a tha ceàrr ort?” “Chan eil fhios ’am,” ars esan, “tha greim-mionaich orm a tha eagalach,” ars esan. Agus dh’fhalbh ise an uairsin a dh’ionnsaigh an teine is bha i dol a dhèanamh deoch thè dha is thill i is bha esan ag èigheach ’s ag èigheach. “A Dhia, seall orm!” Ars ise, “nam biodh deoch beag,” ars ise, “de dh’uisge-beatha agad, math dh’fhaoidte gum bristeadh e an greim a tha sin.” “Oh,” ars esan, “chan eil boinne a-staigh,” ars esan, “thug mise an dram mu dheireadh do mhac Dhòmhnaill a bha a-staigh ann an seo, nàbaidh dhuinn, an-dè.” “Oh, tha sin alright,” ars ise, “thèid mise sìos gu Calum, mo nàbaidh, ’s thèid e dhan taigh-sheinnse ’s gheibh e, gheibh e botal dhuinn.” Dh’fhalbh i sìos, arsa mise, [...]. Dh’fhalbh i sìos agus fhuair i am botal agus thàinig i dhachaigh, ’s thàinig esan dhachaigh cuideachd is sa mhionad, dh’fhosgail i am botal is thug i dram làidir dhasan agus dram dhan fhear a thug dhachaigh am botal, a nàbaidh. ’S oh, ann an ceann greiseag stad esan a dh’èigheadh, stad, cha robh i a’ cluinntinn guth. So chaidh i staigh, ’s bha am botal leth-falamh. Bha iad an dèidh òl agus: “Oh,” ars ise, “ciamar a tha thu?” “Oh,” ars esan, “dh’fhalbh an greim. Chan eil greim orm idir,” ars esan. “Tha mi cho math ’s a bha mi riamh.” “Oh taing a Dhia air a shon sin,” ars ise. “Seadh,” ars esan, “a bheil guth agad air suipear a dhèanamh?” “Oh, tha gu dearbh,” ars ise. “Tha an t-suipear… bha mi ag obair air an t-suipear mun do ghabh thu greim,” ars ise. “Tha an t-suipear gus a bhith deiseil.” Gabh mo leisgeul, thàinig i staigh is: “Tha a-nist’ an t-suipear deiseil agad.” ’S mhothaich esan, bha esan a’ coimhead air a’ phoit bhrùthaidh a bha aig an t-similear ’s cha robh e a’ faicinn sgeul air agus nuair a thàinig ise a thoirt dhaibh an tì, ’s e sgeileid a bh’ aice, sgeileid airson… “A Dhia, seall orm,” ars esan, “bha dùil ’am,” ars esan, “gun do chuir thu poit tì,” ars esan, “Gun do chuir thu a’ phoit bhrùthaidh air an t-similear mun do ghabh mise greim,” ars esan. “Oh, chuir,” ars ise, “ach anns an [XX] dhan deachaidh mise, nuair a chunnaic mi gun robh thusa sa phian a bha thu, chaidh mi a dhèanamh uisge teth airson deoch thè a thoirt dhut,” ars ise, “’s air dòigh air choireigin, bhuail mi air a’ phoit tì is bhrist mi e.” “Oh Dhia, seall orm,” ars esan, “carson a rinn thu sin?” “Oh tha mi coma, tha mi coma,” ars ise. “Nach e sin,” ars esan, “a’ phoit tì a thug a’ mhaighdeann dhut an latha a phòs sinn?” “’S e,” ars ise, “agus chum mi e thuige seo ach tha mise coma,” ars ise, “tha thusa nas fheàrr is dh’fhalbh an greim ’s tha mi coma,” ars ise, “bheireadh a’ phoit tì, taigh na galla air, agus tha mi cho toilichte gu bheil thu alright.” Agus choimhead ise orm, choimhead nighean ’ic Iain: “’S mise a sgrìobh an litir sin,” ars ise. ’S rinn i gàire mòr làidir. Ars ise, “mise a sgrìobh an litir sin, agus ’s e an fhìrinn a bh’ agam. ’S ann a thachair sinn dìreach ann am Barraigh,” ars ise. Agus bha mise a’ smaointinn gun robh mi ag innse dhi rudeigin nach cuala i, nach cuala i riamh agus ’s e i fhèin a sgrìobh an litir. Agus seo rudeigin eile a-nist’ a tha mi airson innse dhuibh. Thàinig Compton MacKenzie, sgrìobh e leabhar mu dheidhinn… chan eil cuimhn’ agamsa a-nist’ dè bha iad ag èigheadh dha thall san t-Seann Dùthaich. Ach chuir iad dealbh-cluich… [AJS:] Whisky Galore. [JCM:] Whisky Gu Leòr! But… chan e sin, chan e sin an t-ainm a bh’ acasan air thall ann an-seo ach The Tight Little Island ann am Beurla. Agus bha seann sagart ann an seo, bha e na, bha e na… bha e thall san dà chogadh is bha e na chompanach do MacKenzie is an leabhar a sgrìobh MacKenzie thug e dhomhsa e, is leugh mi e. Agus thàinig an dealbh-cluich a-nall, agus am fear a bha a’ cur air an dealbh-cluich ’s e Èireannach a bh’ ann, [XX], agus bha e airson… mar a chanas iad anns a’ Bheurla ‘ad’ a chur sa phàipear ann an Gàidhlig a chum ’s gun rachadh aig na Gàidheil air greim fhaighinn air a seo airson gun rachadh iad a choimhead air an dealbh-cluich. ’S chaidh e sìos a choimhead air Mac ’illeBhàin ’s thuirt Mac ’illeBhàin ris: “Theirig sìos,” ars esan, “gu Seumas Teàrlach MacNèill agus cuiridh esan… eadar-theangaichidh esan sin ’s cuiridh e anns a’ phàipear e.” Uill, thàinig am fear, thàinig an gille [...] a choimhead orm agus thuirt e: “An eadar-theangaich thusa seo?” ’S choimhead mi. “Oh, eadar-theangaichidh.” Bha mi car òg an uairsin ’s na bu smarter na tha mi an-dràst’. Agus dh’eadar-theangaich mi is chaidh mi suas a dh’ionnsaigh an àite, an taigh anns an robh iad a’ dol ga chur air, ga chur air. Is thuirt e: “Dè tha thu… dè tha thu a… dè phàigheas mi dhut? Dè tha thu airson—” “Coimhead,” arsa mise. “Cha do ghabh mise sgillinn riamh airson nì sam bith a bha mi a’ dèanamh airson Gàidhealtachd neo Gàidhlig. ’S chan eil mi dol a ghabhail sgillinn bhuatsa na bho dhuine sam bith.” Agus, “uill,” ars esan, “bheir mi dhut dà thicead. Fear dhut fhèin is dhan bhean airson tighinn a-staigh.” “Oh uill, tha sin gasta, gabhaidh mi sin.” Chaidh mi fhìn is a’ bhean suas a dh’ionnsaigh an dealbh-cluich a bha seo agus bha mise a’ coimhead air ’s mu dheireadh dh’fhàs mi cho sgìth dheth ’s thuirt mi: “gu dè seòrsa Gàidheal a th’ annamsa ag innse dha na Gàidheil an gnothach uabhsach a bha a’ tighinn air n-aghaidh is cho Gàidhealach ’s a bha e.” Agus thuirt mi, ann am Beurla thuirt mi ris a’ bhean: “I’m a traitor to my own, to my own clan. To put anything like that on… to translate anything like that.” Ach co-dhiù chaidh mi dhachaigh is cha do chòrd e idir rium, agus dè th’ agam dhut ach b’ fheudar dhaibh a chumail air… a chumail air adhart dà sheachdain na b’ fhaide na bu chòir dhaibh, is bha feadhainn dhe na Gàidheil a’ dol an dàrna turas dha fhaicinn. Uill thug sin sonais, solais dhomh gun robh e gu feum, gun robh e math, ach cha do chòrd e riumsa. ’S an uair a bha Anna NicIain a-bhos, bha e thall anns… bha e air aig North Sydney mar a chanas iad ann am Beurla, aig a’ Bhàr a chanas sinne ris ann an Gàidhlig. Agus thàinig i a-nall a choimhead air caraid aice fhèin an seo is dh’èigh iad ormsa gun robh i ann ’s thàinig mi nuas a dh’ionnsaigh an taighe is bhruidhinn i mu dheidhinn sin is thuirt mi rithe: “Seall,” arsa mise, “siud an rud a bu mhiosa a rinn mise riamh, siud eadar-theangachadh ann an Gàidhlig agus a toirt air na Gàidheil a thuigsinn gun robh gnothach uabhasach gus a bhith ann agus chan fhaca mi sìon riamh na bu mhiosa.” “Och,” ars ise, thionndaidh ise riumsa ’s thuirt i rium, ars ise: “An do leugh thusa an leabhar?” “Leugh,” arsa mise. “Sin agad e,” ars ise. “Tha thusa a’ smaointinn,” ars ise, gum bu chòir dhaibh a chur, an leabhar uile a chur ann an dà uair de thìde airson fearas-cuideachd.” “Tha mise a’ smaointinn am pìobaire a bha a’ seinn na pìoba, tha mi a’ smaointinn,” arsa mise, “gur e… gur e Sasannach a bh’ ann.” “Oh chan e,” ars ise. “Cha robh aon duine a-mach à Barraigh,” ars ise, “aon duine a bha a-mach à Barraigh a bha san dealbh-cluich. Agus sin an rud a rinn thusa ceàrr, mura do leugh thusa an leabhar,” ars ise, “mura do leugh thusa an leabhar, cha— bhiodh diofar inntinn agad. ’S e fìor dheagh dealbh-cluich a bh’ ann.” ’S bha mise an uairsin toilichte gun do… bha mi toilichte co-dhiù nuair a chuala mi gun robh na Gàidheil a’ dol air n-ais an dàrna turas ri choimhead air. Ach cha do chòrd e riumsa air a shon sin. ’S thuirt i sin an rud a chaidh ceàrr. [AJS:] Gu dè th’ ann am mùgan? [JCM:] Mùgan is just a child without any… well, no… not old enough to know anything, so to speak, mùgan. [AJS:] Mùgan? [JCM:] Mùgan. Mùgan. [AJS:] ’S e seòrsa de mhùgan a th’ ann. [JCM:] Seòrsa de mhùgan. [AJS:] Ma bha e na leanabh neo… [JCM:] Leanabh, uill it wasn’t a leanabh, a leanabh— [BREAK IN TAPE] [JCM:] …after growing out of a leanabh. Just kind of a little boy with no sense or nothing. [FEEDBACK] [AJS:] Bha sibh ag ràdh gun robh ùrnaigh agaibh, tha, a bha sibh dol a chur air an teip ann an seo an-dràsta? [JCM:] An aon ùrnaigh a dh’ionnsaich mise riamh ann an Gàidhlig, mar a thuirt mi ribh, ’s e Beurla a’ chiad chànain a dh’ionnsaich mise. Ach bha caraide dlùth dhomh agus dh’ionnsaich e dhomhsa an ùrnaigh seo ann an Gàidhlig agus tha mi ga ghabhail a h-uile oidhche a thèid mi dhan leabaidh, agus seo agaibh mar a tha e [XX]: Laighidh mise a-nochd le Moire ’s le a mac, laighidh [XX] le Dia, laighidh [XX] Dia leam. Bho mhullach mo chinn gu troighean mo bhonn cha ruith na [coirbte/?] leam. On is sibh fhèin a cheannaich an t-anam seo, Mìcheal Geal a bhith a’ còmhnaidh air m’ anamsa a-nochd agus gu sìorraidh. Amen. [FEEDBACK] [AJS:] Dè bu choireach gur e, tha, Mìcheal Geal a bh’ air? [JCM:] Mìcheal Geal is the Archangel, he’s, of course the white angel, the whitest of all of them. [BREAK IN TAPE UNTIL 46:45] [JCM?:] Athair urramach, a mhàthair urramach choiteannach, a dhaoin’ uaisle: tha sinne cruinn ann an seo an-diugh airson… airson fàilte na beannachd beag fhàgail aig an duin’ uasal, an Gàidheal uasal a thàinig a-nall à Eilean Leòdhais a bha còmhla rinn ann an seo ann an Eilean Cheap Breatuinn, o chionn dà mhìos neo dà mhìos gu leth agus ’s e sin Aonghas Mac a’ Ghobhainn. ’S e duin’– fìor Ghàidheal uasal a bh’ ann an Aonghas, agus cha tàinig e… cha b’ e coigreach a’ tighinn a dhùthaich cèin a bh’ ann, ach caraide a’ tighinn am measg chàirdean agus caraidean ann an Eilean àlainn Cheap Breatuinn, mar is pròiseile a their sinne air. Tha e a-nist’ gar fàgail, agus mar a thuirt an t-Urramach, Maighstir Stanley MacDhòmhnaill nuair a bha an t-Easbuig Grannd a’ falbh, tha sinn a’ fàgail beannachd beag aige ’s tha sinn an dòchas gur e beannachd beag a bhios ann a chum ’s gu bheil sinn cinnteach às a’ choibhneas ’s an càirdeas a fhuair e ann an Eilean Cheap Breatuinn, gun till e air n-ais air chèilidh oirnn ann an ùine glè ghoirid. Tha mi ’n dòchas gun cum e na chuimhne an coibhneas sin, agus an càirdeas, agus gun inns e dhaibh ann an Eilean Leòdhais agus a h-uile eilean dhan tèid e ann an Albainn, seann Albainn, gu bheil Albainn Nuadh cho Gàidhealach ’s a bha seann Albainn riamh. Gun do chum sinn suas an oighreachd phrìseil a dh’fhàg ar sinnsridh againn, ’s e sin an cliù, an cleachdannan agus an cànain agus tha mi a’ smaointeachadh gun can e fhèin nuair a thèid e null gun cuala e mòran de Ghàidhlig, gu h-àraid ann an Eilean Cheap Breatuinn. [AJS:] Tapadh leibhse. [JCM:] Agus tha mi a’ guidhe, tha sinn a’ guidhe cuideachd gum bi e h-uile sàbhailte, gun ruig e a dhachaigh fhèin slàn sàbhailte agus gun till e air n-ais ann an ùine glè ghoirid, nuair a gheibh e cothrom air tighinn. Agus ’s e fìor Ghàidheal a thuirt mi a bh’ ann, thuirt mi sin anns an toiseach is tha mi ga chantail a-rithist: Lean e dlùth ri cliù a shinnsridh, Sheas e dìleas taobh a chànain, ’S mòr a chulaidh-phròis is uaill dha, Nuair their sluagh gu bheil e Gàidhealach. Agus their sluagh ann an Eilean Cheap Breatuinn gur e fìor Ghàidheal uasal a bh’ ann. Beannachd leat. [AJS:] Tapadh leibh.