Calum_MacNeil_3 Transcription [CM:] Calum MacNeil (Calum Dhòmhnaill Eòis a’ Phosta) [ZW:] Zachary Wallace [ZW:] Tha sinn deiseil. [CM:] Oh aye, ok. [ZW:] Cuin agus carson a dh’fhàg sibh Astràilia? [CM:] Uill, dh’fhàg mi thaobh cha robh còir agam a bhith ann, a’ chiad rud. Agus tàilleabh gun robh mi gu math involved leis a’ union, bha mi car… fhuair mi an toiseach air, fhuair mi a-staigh air a’… Chommunist Party. So an uairsin, bha mi taghta, cha tèideadh sgath ceàrr, an fheadhainn eile, bha waterfront làn dhiubh. Ach bha mi ro bhragail, bhithinnsa a’ dol chun na cùirtean a’ sabaid son na… fhios agad, son a’ Phartaidh ’s a h-uile sgath eile. So bha iad uabhasach laghach an uairsin, bha a h-uile duine co-ordinating. Agus coltach gun tàinig fear dhe na poileasman, chaidh iad chun an union executive is thuirt iad: “’S fheàrr dha do– am balach a tha siud a bheul a dhùinteadh, neo tha sinn a’ dol a chur air ais– a’ dol a thilleadh air ais, chionn chan eil còir aige–” Fhuair iad a-mach nach robh mi supposed a bhith siud idir. Nuair a chuala mise sin – dh’fhalbh mise, a bhalaich, às. Siud agad nuair a dh’fhalbh mi a New Zealand, nuair a dh’fhàg mi sin. B’ fheudar dhomh sin fhàg– so thug, an Welshman, thug e staigh a New Zealand mi. A’ chiad job a bh’ againn, tha cuimhn’ am gu bràth, ’s e lìonadh railway track de dh’iarann, scrap-iron, ga lìonadh, ga shadail, dh’obraicheadh pìosan mòra is na– oh, a Mhuire, bha dùil am gun robh mi dol a dhèanamh fortan ann an aon latha. Ach an rud a bha iad a’ dèanamh, a h-uile duine a bha ag obair, a thaobh cheud duin’, chuireadh iad ann a h-òrdain e is dh’innseadh iad dè chaidh a thogail an latha ud, agus bheireadh iad equals dhan a h-uile duine. Oh uill, an diabhal mise, bha an fhearg ormsa an uairsin. Thuirt mi, agus bha an fhearg airsan cuideachd. Is thuirt mi: “Tillidh sinn air ais, agus chan eil sinn a’ dol a dhèanamh sgath airson… gus am faigh iad greim oirnn.” So, tha mi a’ smaoineachadh gun do thog mi dà latha eile, glè bheag an coimeas ri na dh’fhalbh air an trèana a bha sin. Ach fhuair mi an aon airgead a fhuair a h-uile duin’ eile. An uairsin dh’fhàg mi sin, ’s an uair a fhuair mi a-staigh a… actually, chaidh sinn gu muir an uairsin ann an New Zealand. Chaidh mi air na bàtaichean is… is tha cuimhn’ am an uairsin, bha mi, plan– a’ feuchainn ri faighinn air a’ waterfront, bha e uabhasach doirbh faighinn air a’ waterfront, ach ’s e an job a b’ fheàrr a bh’ ann an New Zealand, sa waterfront. So tha cuimhn’ am gu bràth, dh’aoin mi bàta ’s e, b’ àbhaist dha Lieutenant General, ’s ann leis a bha an yacht a bha seo, chonverted airson tarraing orainsearan agus bananas à Samoa sìos gu New Zealand. Agus bhiodh sinn a’ toirt suas biadh is rudan dhaibhsan, soft drinks, a h-uile sgath riamh, delivered. So dh’aoin mi am bàta sin, chaidh mi sìos gu Wellington leis a’ charago, agus thuirt mi ris, cousin a bh’ agam ann an Auckland. Thuirt mi, cha robh dad ri cousin, fhios agad, nuair a tha thu a’ bruidhinn Gàidhlig tha thu daonnan [...]. Thuirt mi ris: “Ma gheibh thusa litir mu dheidhinn, ma chì thu litir bhuam, on waterfront, leugh– fosgail i, agus inns dhomh dè th’ innte. An rud a nì mi,” bho chionn cha robh phones an uairsin idir ann, ars mise dìreach, “fòn neo telegram thugam, agus can gu bheil mo mhàthair, gu bheil i bochd, gun do ghabh i sròc, agus gum feum mi a dhol air ais a… Auckland.” So, bha am bàta dìreach, cha mhòr, a’ falbh, air m’ onair a Dhia, agus cha tàinig an telegram neo sgath. Uill ghabh mi an, diabhal mise, bha agam ri dhol suas a Samoa a-nise. An ath rud, a laochain, a-nuas an quay, am postman, an deliveryman, bhiodh bicycle aca an uairsin, sìos a bhalaich leis a’ cheap is fallas air. Suas, ‘Captain!’ Suas an staidhre, bha e air am microphone: “Mr MacNeil, could you come up on the… up on the bridge?” Chaidh mi suas, bha mi: “Oh, tha mi ’n dòchas nach eil sgath ceàrr.” Bha fios ’am fhìn dè bh’ anns an litir. “Oh,” he says, “where’s your mother?” I said: “She’s in Auckland.” “Oh, I’ve got bad news for you.” “How bad?” Ars esan: “She had a stroke.” “Oh, I’ve got to go, I can’t stay here.” Dh’fhalbh mi, a laochain, ’s fhuair mi air a’ phleana a dh’Auckland an oidhche sin. Thog an agent mi gus cuir suas chun an airport mi and off I was. Chaidh mi suas gu Auckland. Bha, oh, nuair a smaointicheas tu. Chaidh mi suas an-sin is… sin an aon, sin agad an weekend a bha mi twenty-one exactly, sin an aois a bha mi an uairsin, twenty-one. So cheannaich mi botal de Drambuie agus botal uisge-bheatha, agus thug mi suas iad gu mo chousin, agus dh’òl sinn cha mhòr fad na h-oidhche le na nàbaidhean ’s a h-uile duine, thàinig iad mun cuairt, chionn bha iad daonnan airson èisteachd ri na naidheachdan, fhios agad, dè bha mi a’ dèanamh. So there you are, so. Sin mar a land mi an-sin an toiseach. Agus, a-rithist, cha do dh’fhuirich mi fada sa… air a’ waterfront. Dh’fhàg mi sin nam [XX] ’s ghabh mi [XX] sìos dha na dùthaichean. Agus sin nuair a thachair mi, tha cuimhn’ am gu bràth, thachair mi ri dà Leòdhasach. Bha iad ag obair air… ann am Merry Merry, stèisean mhòr a bh’ ann, hydro station. Agus bhiodh iad an uairsin, bha mise an Toronto, uh… an Auckland, air a’ waterfront. Agus bha apartment agam, so bhiodh weekend aca, thigeadh iad a choimhead ormsa ’s a dhà neo trì son dhà neo trì botail is carry-on againn, the usual. Agus an uairsin… dh’eug m’ uncail, Am Patch a bh’ air. Dh’eug e shìos ann an Wellington, so chaidh mi sìos chun an tiodhlacadh aige. Agus an taigh anns an robh– am biodh iad a’ dol a choimhead orra, ’s i tè Bharrach eile, thuirt i: “Seall thusa am feadan, ’s thoirt leat, ’s ann le d’ uncail a tha e.” Bha feadan aige is… “Oh it’s– bheir mi leam e.” So, thug mi suas dhan an apartment an Auckland e, agus aon weekend, thàinig mi dhachaigh, bha dà Leòdhasach a-staigh romham, agus chaidh mi dhan frids. Agus siud agad cearc agus am feadan suas an tòn aice. [laughs] Oh, nuair a smaointicheas thusa an carry-on a bh’ againne. Oh! So dh’ fhuirich mi sin, an uairsin chaidh mi, oh rinn mi a h-uile sgath dheth, chaidh mi sìos chun an South Island. Bha mi ag obair actually, aon trup, fhios agad na casings son na sausages? Bha mi ag obair even as a… ann a shin, chionn chaill mi m’ airgead, b’ fheudar dhomh job fhaighinn an-sin son seachdain neo ceala-deug. Bha obraichean anns a h-uile àite an-sin. Chòrd New Zealand rium. Agus an uairsin, of course, thàinig am [XX] Barrach a bha seo, thuirt e: “Seo. Tha job agam air a’ bhàta dhut ma tha thu ga iarraidh.” So sin mar a land mi, fhuair mi cho fad ri… ’s e Phanama agus thuirt mi: “Oh Dhia, chan eil toil agamsa a dhol nas fhaide na seo.” So leum mi am bàta ann am Panama, ach bha riots ann. Uill mun tàinig am bàta ron an [lot/?], chaidh mise air bòrd a-rithist, cha robh fhios aig an sgiobair gun do leum mi. [laughs] Roimhe sin, nuair– cho fad ’s a bha mi ann an New Zealand, air am bàta a chur suas gu Samoa, thòisich mi air reic transistor radios. Feadhainn bheaga, chionn, cha b’ urrainn dhut an ceannach ann an New Zealand idir, a thaobh bha, ’s e socialist government a bh’ ann, agus cha robh luxury– no luxuries, a h-uile sgath riamh, hardcore… industry, chan… cha b’ urrainn dhut rèidio neo sgath a cheannach. Even càr, dh’ fheumadh airgead a bhith agad, a foreigin currency agad son an càr a cheannach. Dh’fhaodadh millean dolar a bhith agad an New Zealand, cha cheannaicheadh sin càr dhut. Dh’fheumadh tu foreign money son, sin mar a bha iad a’… that’s, sin agad na bha iad a’ dèanamh. Bha iad mar gun robh na Ruiseanaich. So, Calum of course, fhuair mi greim air [XX] a bha seo, transistor radios. So bhithinn gan ceannach ann an Samoa, ann am Fiji, agus gan toirt a New Zealand air a’ bhàta. An uairsin, fear dhen a’ chriutha, thàinig e dìreach ri idea: gum faigheadh e barailte mòr far am biodh an ola, toll a chur sa… am bonn a thoirt às, a’ toirt an ola às air fad, agus ga pàcadh suas ri transistor radios, ’s gan cuir san deic còmhla ri an… còmhla ris an ola! So, “that’s ok.” Thachair sin, a Dhia, son dà bhliadhna sin agad a’ [challing/?] a bh’ agam, a’ reic na rudan a bha seo, a dhol dhan a’ bhàgh, a thilleadh a-rithist, bhiodh dà bhaga mhòr agam. [...], sìos dhan a– dha na camps, fhios agad, construction camps shuas. Bhiodh iad sa phub, dà uair an uaireadair reicinn an whole lot. Poidhle mòr de dh’airgead agam agus… [XX]. Ach an latha a bha seo, bha mi a’ smaoineachadh gun robh mi am Brisbane na an àiteigin, chan eil fhios ’am càit’ robh mi ga reic, agus bha mi ag èisteachd ri tè dhiubh. Nach an diabhal nam arrestadh? Fhuair iad a-mach gun robh am barailte ann a shiud, agus fhuair na customs e, oh my God. Cha do thill mise dad! But, nuair a thachair sin, an Chinaman, a laochain, a bhiodh– a bhiodh a’ supplieadh na transistor radios, thug e dhomhsa baga beag, laghach, mar a… mar a bh’ agam nuair a thàinig mi seo. Tartan, làn… tartan air, agus baga snog a bh’ ann. So bha sin agamsa. Niste, nuair a dh’fhàg mi, nuair a dh’aoin mi am bàta, dh’fhàg mi New Zealand. Thug e dhomhsa e son prèasant so, nuair a thachair… fhuair iad burst, fhuair iad a-mach gun robh an transistor sa… san tanca far an robh an ola, that was the end of that business. So, cha robh, a laochain, ach dh’aoin mi Starboard a-rithist. So leum mi ann am Panama, an uairsin thill mi air bòrd air. An uairsin, leum mi a-rithist dhi nuair a chaidh i gu Boston. Uill, nuair a land i am Boston, a-rithist, tàilleabh gum bruidhninn Gàidhlig… mo chousin a thàinig còmhla rium air muir, chaidh mi fhìn ’s e fhèin a-mach còmhla agus m’ uncail, Ruairidh a’ Phosta. Cousin, no actually, first cousin dhasan, bha i na, tè bha air toiseach – gille-toisich – aig am Painter’s Union of America. So chaidh sinn suas dhan an Union Hall. “Oh, not a problem, MacNeil.” Job – peantadh? “Oh, peantadh, a laochain, all my life!” Fhuair mi job, bha sin 19… oh I bet you, ’68 or something. Anyway, five dollars and twenty-five cents an hour. A fortune! Iosa, bha dùil ’am gun do dh’eug mi ’s gun deach mi a Fhlathanas leis an airgead a bha sin, so wow! That was it. A’ peantadh am Boston Bridge, a h-uile sgath. An aon rud, agus bha car de dh’eagal orm ach, bruidhinn air eagal, fhios agad nuair a chì thu passenger boats fon drochaid? Fhios agad, an t-einnsean aige a’ dol ‘poof, poof’! A Mhuire, an drochaid, fhios agad, cha mhòr nach eil thu air caitheamh far na drochaid leis an noise a tha an t-einnsean a’ dèanamh, my God. Anyway, bha mi sin, so… Ach, cha robh fhios ’am, an-dràsta ’s a-rithist, bhiodh iad a’ raideadh na jobs a bha seo. So fhuair iad a-mach air dòigh air choireigin gun robh mise ann a shiud, mi fhìn ’s a dhà neo trì eile, cha b’ aithne dhomhsa an fheadhainn eile idir. Thàinig na poileasman. Uill am boss, am fear a bha ann an charge, ruig e ormsa: “Right,” ars e, “thalla air falach.” Agus fhuair iad na, fhios agad, na twenty-five cigarette packet, fhios agad, na cigarette packages, the twenty-five. Bha loose plastic, bha rudeigin air a’ chùl aca. Thug e a-mach e agus sgrìobh e air: ‘Jim’, neo ‘John’, chan eil cuimhn’ am dè, Jim or something, ‘this is a good man, give him a job’. Agus thug e dhomh an address airson a dhol gu Cape Cod. Ars esan: “Head off to Cape Cod, they’ll never find you there.” Well, of course, nuair a fhuair mi an t-airgead, cha do ruig e orm ach tha cuimhn’ am, bha peant agam air a’… thuit spots de pheant air a’… air an lèine agam nuair a chaidh mi a dh’iarraidh an t-airgead an làrna-mhàireach. So an uairsin dh’fhalbh mi is bha mi sa bhus station a’ dol gu Cape Cod. Agus bha am baga agam, an tartan bag ann a shiud ’s mo chasan, cigar mòr agam, ‘whew’ a bhalaich, just the life of Riley, khaki pants, ‘whew’. An ath rud, a bhalaich, ‘tap tap’ air mo ghualainn – dà ghalair de phoileasman. “You’re under arrest, stand up.” Agus fhuair, oh my, an fheadhainn a bha mi a’ bruidhinn riutha cho snog, ’s bha mi ag innse naidheachdan ’s a’ bruidhinn riutha. Choimhead iad orm, dùil aca gur e criminal a bh’ annam, a thaobh, cha tigeadh duine goirid dhomh an dèidh sin, b’ fheudar dhomh siud ’s a chur mo làmhan suas, a bhalaich. [XX] all the way, and oh, chuir iad an uairsin sa chàr mi. Agus tha cuimhn’ agam gu bràth a’ dol air adhart chun na stèisean. Thuirt mi, bha, fear dhiubh, fad a’ Chogaidh, during, feadh a’ Chogaidh, stad e ann an New Zealand airson greiseag. So thòisich mi ri innse deagh naidheachdan mu dheidhin Auckland ’s a h-uile sgath riamh. Bha dùil ’am dòcha gun leig e dheth mi. Arsa mise: “Carson nach fhosgail thu an doras agus leig leam falbh?” Cha robh fios ’am, ghlas iad na dorais air fad. [Fuaim na dorais] An noise, na dorais, na glasachan air an doras. Emergency locks! So cha leigeadh iad a-mach mi. Sin an do land mi a-staigh sa chlink and, cha do ghlas iad idir mi, chuir iad suas mi, bha mi air, an aghaidh JP neo cuideigineach. An uairsin chuir iad dhan cell a bha seo mi, agus nuair thàinig an secretary aig a’… the judge, thàinig i a-nuas a choimhead orm, an fhìrinn a tha seo, agus thuirt i: “Cò th’ annad?” “Is mise MacNeil–” Ars i: “Are you from Barra?” Arsa mise: “Tha.” Ars ise: “I know the chief of Barra… the chief of the Clan MacNeil, Iain.” He taught, bha e ag ionnsachadh ann an sgoil, Harvard University neo rudeigineach ann am Boston. Sin a bha… sgoilear a bh’ ann an sin, actually um, bha e ag ionnsachadh history or… not history, law, some law, some special law. Anyway, b’ aithne dhi e. Is thuirt ise: “Thig mise a bhruidhinn ris, ’s dòcha gun gheibh e dheth thu.” “Oh,” ars mise, “na can ris gu bheil mi ann a sheo idir, oh a Mhuire.” Chionn cha robh toil agam airson duine sam bith fhaighinn, fhios agad. Bha toil agam a h-uile sgath a dhèanamh leam fhìn, cha robh mi ag iarraidh, gu sheachd àraid favour air duine cho mòr sin. [XX] neo ge brith dè thachair dhasan. “No,” arsa mise, “Don’t bother.” So, thoisich… fhuair mi an uairsin typewriter. Dh’fhaighnich mi dhaibh san oifis: “Can I have the typewriter?” Is thòisich mi air sgrìobhadh gu Guc a’ Chlachair, am fear a… chan e Guc ach [XX], bha e ann an Auckland, is chuir mi type thuige chun an Union Hall, fhios agad, a’ sgrìobhadh. Uill, chan fhaigheadh iad fear ris cho, fhios agad, cho carefree, nach robh rànaich neo dad, chionn bha an t-uabhas air feadhainn a bha deportadh. Bhiodh iad a’ rànaich, ‘I don’t want to go, and I’ll be…’. Bha mise coma, bha mise a’ gàireachdaich, cha robh e gu diofar dè bha ceàrr. Agus cha robh de dh’airgead agam, gheibh thu dhachaigh, gheibh thu gu Lunnainn, bha mi air a dheportadh gu Lunnainn. Cha robh, chosg mi e ag òl ’s a whatever, [XX]. Ach, a laochain, na poilis, na night-watchmen agus dhà neo trì anns an oifis, chuir iad dolar, two dolar, five dolar. An ath rud, a bhalaich, bha gu leòr agam, made up the difference. Ach, bha e uabhasach fhein iongantach, bha na riots ann an uairsin ann an… ann am Boston, so, thug na dithis aca, cha b’ urrainn dhut a dhol a-mach leat fhèin is thug na dithis aca sinn chun a’ bhanca mi. Ah, bha iad uabhasach laghach rium, ann an dòigh, sìos chun a’ bhanca airson gun change sinn na traveller’s cheques a bh’ agam agus an t-airgead a thug iad dhomh, son gum pàighinn airson ticead. So, bha mi sa chiutha, thàinig mi air beulaibh a’ bhoireannaich: “Could you cash these cheques for me?” Agus, thuirt i: “Oh, any… you need ID.” Cha do rinn mi ach a dhol… agus ge brith dè rinn iadsan: “Ok, sir.” [laughs] ID, da phoileasman! So eh, sin mar a land mi an uairsin, an dèidh sin, bha mi of course, air a’ phleana air ais a Lunnainn. Ach nuair a land mi an Lunnainn, cha robh mise ann an Lunnainn son bliadhnaichean is bliadhnaichean. An uair a land mi an Lunnainn, cha robh seacaid agam, cha robh aodach idir agam. Dìreach baga beag, biodach, fhios agad, am fear a thug an Chinaman dhomh. Agus bha mi cho, bha i cho fuar ris an diabhal, fhios agad, nuair a bha mi eolach air a’ bhlàths. So, bha fhios ’am, am Mission House… am Mission an t-ainm a bh’ aca, bhiodh an t-uabhas dhiubh de Leòdhasaich, bhiodh iad ag òl sa bhàr a bha seo, Gàidheil air fad, bha bàr ann. Chuala mi mu dheidhinn, ach chaidh mise chun a’ Mhission, fhios agad, far an robh… Mission, fhios agad, an Eaglais ’s… bidh iad a’ cuideachadh daoine. So chaidh mi fhìn, an dòcha gun robh e sia, seachd neo ochd uairean sa mhadainn nuair a chaidh mi ann, is thug iad suas chun an airport, chun a hotel mi. Bhreig mi air an doras a bha seo, tha cuimhn’ am gu brath air a sin, oh, funny. Agus, nise, cuimhnich thusa, bha mi gu math nas truime na tha mi ’n-drast’. Bha mi cha mhòr dubh ri… leis a’ ghrèin son ceithir bliadhn’ deug sa ghrian, agus lìon de dh’uisge-beatha ’s de fìon, dìreach, busan mòr, bha gruag, falt mor orm, a h-uile sgath. ’S bhreig mi aig an doras, thainig an truaghan beag a bha seo, air m’ onair a Dhia, cha robh e ach shuas ri siud, a laochain, agus e cho geal ri geal, agus bha e maol, fhios agad, truaghan beag. Ars esan: “Can I help you?” Fhios agad, bha e fhèin cho [XX] e fhein. Arsa mise: “All I want is a jacket or a coat.” “Oh, my son,” ars esan, “none of my clothes will fit you.” [laughs] Oh, a Dhia leat. Ach dè rinn e, a laochain? Chaidh e chun a’ mhall, bha am mall goirid an ath dhoras. “Wait there.” Thàinig e air ais, a laochain, còta mòr, oh Mhuire ach an [XX] a bha sa chòta, Harring– Herringbone, còta Herringbone. Uabhasach trom, but blàth. “Try this on. Right from the mall.” God. An uairsin thachair mi ri Barraich anns a’ phub, and that was it. Sin nuair a land mi an Lunnainn. [ZW:] Glè mhath, duilich, fuirich dìreach mionaid. [END OF TAPE]