ABB_Tape5 Transcription [Òran: ’S Mi Air Creagan a’ Sgurra] ’S mi air creagan a’ Sgurra ’S mòr mo mhulad ’s mi ’m ònar ’S cha lugh’ mo chuid èislean On là thrèig mi do chòmhradh. ’S cha lugh’ mo chuid èislean On là thrèig mi do chòmhradh, ’S fhad a shiubhail mi ’n oidhche [Nìos/?] na maighdinn bu bhòidhche. ’S fhad a shiubhail mi ’n oidhche [Nìos/?] na maighdinn bu bhòidhche, Chaidh mi còrr is naoi mìle Anns an tìr nach robh am eòlas. Chaidh mi còrr is naoi mìle Anns an tìr nach robh am eòlas, Nuair a ràinig mi ’m baile, Cha robh aighear neo ceòl ann. Nuair a ràinig mi ’m baile, Cha robh aighear neo ceòl ann, Ach mnathan ri fuaigheal ’S cuid a ghruagaichean brònach. Ach mnathan ri fuaigheal ’S cuid a ghruagaichean brònach, ’S bha mo chruinneag gheal fhìn ann, ’S i na sìneadh air bhòrdaibh. [BREAK IN TAPE] ’S ann do [XX] Rois a bhuineadh Calum MacIllEathain, neo Calum a’ Ghlinne, mar a theireadh iad ris. Bidh fios aig cuid den èisteachd gun robh Calum tuilleadh is dèidheil air an dram, agus ann an òran, tha e a’ gabhail ris gur e seo a dh’fhàg nach eil tochradh aige dha nighean, a dh’aindeoin a bòidhchead, nach eil na fir a’ tighinn air a tòir. [Òran: Mo Chailin Donn Òg le Calum a’ Ghlinne] Mo chailin donn òg ’s mo nighean dhubh thogarach Thogainn ort fonn, neo-throm gun togainn, Mo nighean dubh gun iarraidh, mo bhriathar gun togainn, ’S gun innsinn an t-adhbhar, nach eileas gad thogradh, Mo chailin donn òg. Gu bheil thu gu bòidheach, bainndidh, banail, Gun chron ort fon ghrèin, gun bheum, gun sgainnir; Gur gil’ thu fod lèine na eiteag na mara, ’S tha coir’ agam fhìn gun chèile bhith mar riut. Mo chailin donn òg. Gur muladach mi ’s mi ’n dìth nach math leam, Na dhèanadh dhut stàth aig càch ga mhalairt; Bidh d’ athair an còmhnaidh ag òl le caithream, ’S e eòlas nan còrn a dh’fhàg mi cho falamh. Mo chailin donn òg. Ged tha mi gun stòr, le òl ’s le iomairt, Air bheagan de nì, le prìs na mine; Tha fortan aig Dia, ’s e fialaidh uime, ’S ma gheibh mi mo shlàinte gum pàigh mi na shir mi. Mo chailin donn òg. Ge mòr e le càch na tha mi milleadh, Cha tugainn mo bhòid nach òlainn tuilleadh, ’S e gaol a bhith mòr tha m’ fheòil a’ sireadh - Tha ’n sgeul ud ri aithris air Calum a’ Ghlinne. Mo chailin donn òg. Mo chailin donn òg ’s mo nighean dhubh thogarach Thogainn ort fonn, neo-throm gun togainn, Mo nighean dubh gun iarraidh, mo bhriathar gun togainn, ’S gun innsinn an t-adhbhar, nach eileas gad thogradh, Mo chailin donn òg. [BREAK IN TAPE] Tha mòran dhe na h-òrain anns an leabhar aig Mgr. Pàdruig dhen t-seòrsa aig a bheil luinneag aige – òrain luaidh is eile. Na boireannaich a bhiodh ga ghabhail seo, le aon duine ag aithris na facail agus càch a’ togail fon fhonn. Tha mi a’ dol a dh’iarraidh air Evelyn Chaimbeul feadhainn dhiubh a thoirt dhuinn. An aon rud a tha mi caoidh nach eil banail ghruagach aicese ga cuideachadh. A’ chiad fhear dhiubh: Mo Rùn Ailean. [Òran: Mo Rùn Ailean] Mo Rùn Ailean, hò hò, Dh’èirich mi moch, hò hò, Mo Rùn Ailean, hò hò, Madainn earraich, hò hò. Mo Rùn Ailean, hò hò, Dhìrich mi suas, hò hò, Mo Rùn Ailean, hò hò, Bualadh bhearraidh, hò hò. Mo Rùn Ailean, hò hò, Shuidh mi air cnoc, hò hò, Mo Rùn Ailean, hò hò, ’S leig mi m’ anail. Mo Rùn Ailean, hò hò, Choimhead mi bhuam, hò hò, Mo Rùn Ailean, hò hò, Fad mo sheallaidh, hò hò. Mo Rùn Ailean, hò hò, Chunnaic mi long, hò hò, Mo Rùn Ailean, hò hò, Sa chuan chanach, hò hò. Mo Rùn Ailean, hò hò, Cò bhiodh air stiùir, hò hò, Mo Rùn Ailean, hò hò, Ach mo leannan, hò hò. Mo Rùn Ailean, hò hò, [XX] Mo Rùn Ailean, hò hò, Foinnidh, fearail, hò hò. Agus an ath fhear: Thog Am Bàta na Siùil. [Òran: Thog Am Bàta Na Siùil] Thog am bàta na siùil, hì ri o ì iu, Thog am bàta na siùil, hì ri o ì iu, E ho ì ri ri ri bho, O hiùraibh o horo ho. Mach à Colla gu Rùm, hì ri o ì iu. Mach à Colla gu Rùm, hì ri o ì iu, E ho ì ri ri ri bho, O hiùraibh o horo ho. Gu Uibhist a’ bhrùchd, hì ri o ì iu, Gu Uibhist a’ bhrùchd, hì ri o ì iu, E ho ì ri ri ri bho, O hiùraibh o horo ho. À Hiort nan eun [fionn/?], hì ri o ì iu, À Hiort nan eun [fionn/?], hì ri o ì iu, E ho ì ri ri ri bho, O hiùraibh o horo ho. Bha mo leannan-sa air stiùir, hì ri o ì iu, Bha mo leannan-sa air stiùir, hì ri o ì iu, E ho ì ri ri ri bho, O hiùraibh o horo ho. Fear is gile cùl dùirn, hì ri o ì iu, Fear is gile cùl dùirn, hì ri o ì iu, E ho ì ri ri ri bho, O hiùraibh o horo ho. Fear is guirme dà shùil, hì ri o ì iu. [BREAK IN TAPE] ‘An Làir Dhonn’ – B’ e seo an t-ainm a bh’ aig Murchadh Mòr Mac ’ic Mhurchaidh air a’ bhirlinn leis am biodh e a’ dol a Leòdhas, far an robh Eilean Chaluim Chille aige, agus fearann na pàirce o MhacCoinnich. An turas a bha seo bha [tape trips] ablach beathaich a thug e dha, e cho aigeannach, siùbhlach ’s a bha An Làir Dhonn anns am b’ àbhaist dha a bhith dol thar a’ Chuain Sgìth. [Òran: An Làir Dhonn] Siud tha m’ aigne fo ghruaim ’S gun mi ’n caidreabh a’ chuain; Cha chaidil mi uair air chòir, Siud tha m’ aigne fo ghruaim ’S gun mi ’n caidreabh a’ chuain; Cha chaidil mi uair air chòir. Ge socair mo ghleus Air chapall na leum Cha chaisgear leath’ m’ fheum le treòir, Ge socair mo ghleus Air chapall na leum Cha chaisgear leath’ m’ fheum le treòir. Loth philleagach bhreun Fo pillean ’s fo srèin, Aon ghille na dèidh b’ e a lòd, Loth philleagach bhreun Fo pillean ’s fo srèin, Aon ghille na dèidh b’ e a lòd. Cha tugadh i ceum Ach duine ’s i fhèin ’S gun cuireadh i feum air lòn, Cha tugadh i ceum Ach duine ’s i fhèin ’S gun cuireadh i feum air lòn. Cha b’ ionnan ’s mo làir Air linne nam bàrc; Bhiodh gillean a ghnàth cur bhòd, Cha b’ ionnan ’s mo làir Air linne nam bàrc; Bhiodh gillean a ghnàth cur bhòd. Iùbhrach shocrach a’ chuain Don cliù toiseach dol suas ’S giuthas dosrach nam buadh fo sheòl. [BREAK IN TAPE] Bha meas mòra air Iain Dubh mac Iain ’ic Ailein mar bhàrd, am measg nan Dòmhnallach co-dhiù. ’S iomadh rann molaidh a bh’ aige orra. ’S ann goirid ro Latha Sliabh an t-Siorraim a rinn e an t-òran colgarra seo, an dèidh ’s do dh’Ailean, ceann-cinnidh Chlann Raghnaill, falbh a Uibhist air an turas far nach do thill e. [Òran: Òran do Raghnall Mac Mhic Ailein/A’ Bhliadhna Gus An Aimsir Seo] A’ bhliadhna gus an aimsir seo, Gum b’ fhoirmeil sinn an Ormaicleit, An cùirt an leòmhann mheargasaich, Gu fear-ghalach ro-mhorghalach; Ge smachdail, reachdail calmar’ thu, ’S ro-anamanta neo mhòrchuiseach, Am bèul om blast’ thig argamaid, ’S tu dhearbhadh le ceart eòlas i. Gur h-e cho fad ’s on dh’fhalbh thu bhuainn, Dh’fhàg ioma-cheisteach an còmhnaidh sinn, Gum b’ fheàrr leinn thu bhith sealgaireachd, Air talamh garbh na mor-thìre; Thu fhèin ’s do bhuidheann ainmeineach, Nuair dh’èireadh farragradh fòpa-san, Bhiodh sunndach lughmhor arm-cleasach, Sluagh garbh-bhuilleach, garg, comhragach. Mo chions’ an t-àrmunn prìseil ud, Mo sheobhag fìor-ghlan uasal thu, An onoir ghlèidh do shinnsireachd, ’S e meud an gnìomh a fhuair dhaibh i; Gun d’ fhàg iad daingeann sgrìobht’ agad, Fo làmh an rìgh le shuaicheantas, Bhiodh t-àrd fhear coimhead dìleas air, Nuair dh’fhàs an rìoghachd tuair-shreupach. Bu blàth ann àm na sìth-thàimh thu, ’S bu phrìseil mu ’d dhuin-uaisle thu, Air mheud ’s gun cosg thu chìsean ris, Chan fhaic thu dìth air tuathanach; Do bhanntraichean ’s do dhìleachdain, Gur h-e do nì-sa dh’fhuasgladh orr’, Dèanamaid ùrnaigh dhìcheallach, Gun cumadh Crìosda suas dhuinn thu. [BREAK IN TAPE] Agus a-nis, dhà eile dhe na luinneagan. Chan eil fhios cò bh’ ann an Dòmhnall Ruadh Gaolach, ach do [mhairich’/?] e co-dhiù. A Dhòmhnaill Ruaidh Ghaolaich, ’S thalla hò hi ri iù ò, ’S e do ghaol th’ air mo mhealladh, Hì ri ri riù o hì o ho, Hug eile, ’s thalla hò, hi rì iù ò. ’S truagh nach fhaicinn do bhàta, ’S thalla hò hi ri iù ò, Tighinn air rathad [XX] mhara, Hì ri ri riù o hì o ho, Hug eile, ’s thalla hò, hi rì iù ò. ’S truagh nach fhaicinn do bhàta, ’S thalla hò hi ri iù ò, Siùil àrd air rìgh crannaibh, Hì ri ri riù o hì o ho, Hug eile, ’s thalla hò, hi rì iù ò. Bhiodh mo ghràidh-sa air an stiùir ann, ’S thalla hò hi ri iù ò, Lùb ùr a’ chùil chlannaich, Hì ri ri riù o hì o ho, Hug eile, ’s thalla hò, hi rì iù ò. ’S e do ghràdh thug dhan tìr mi, ’S thalla hò hi ri iù ò, Fhir nam mìog-shùilean meallach, Hì ri ri riù o hì o ho, Hug eile, ’s thalla hò, hi rì iù ò. Siud mar a tha e air a chur sìos aig Mgr. Pàdruig, le trì buillean san roinn. Co-dhiù, bheil sin ceart neo ceàrr, fàgaidh mi agaibh fhèin. Aon rud tha cinnteach, nach dèanadh e an gnothach mar siud air a’ chliath-luaidh. Ach feumaidh gun robh am fear seo eile glè chaithreamach mar òran luaidh, uair dha robh an saoghal. Saoil a bheil duine san èisteachd a chuala e? Cha chuala mise, co-dhiù. ‘Latha Dhomh ’s Mi Dìreadh Bhealaich’. [Òran: Latha Dhomh ’s Mi Dìreadh Bhealaich] Latha dhomh ’s mi dìreadh bhealaich, Hò rò laithill ò, Chunnacas bàta làidir, daraich, Hò rò laithill ò, Hì horo eile, na hì horo hù ò. Chunnacas bàta làidir, daraich, Hò rò laithill ò, Seòladh a-steach dhan Chuan Chanach, Hò rò laithill ò, Hì horo eile, na hì horo hù ò. Seòladh a-steach dhan Chuan Chanach, Hò rò laithill ò, Cò bh’ air a stiùir ach mo leannan? Hò rò laithill ò, Hì horo eile, na hì horo hù ò. Cò bh’ air a stiùir ach mo leannan? Hò rò laithill ò, Fear a’ chùil dualaich, chuachaich, chlannaich, Hò rò laithill ò, Hì horo eile, na hì horo hù ò. Fear a’ chùil dualaich, chuachaich, chlannaich, Hò rò laithill ò, Fiamh an òir air [XX], Hò rò laithill ò, Hì horo eile, na hì horo hù ò. [BREAK IN TAPE] Tha an t-òran a rinn Iain Lom mu mhurt na Ceapaich air aon cho tiamhaidh ’s a th’ againn an Gàidhlig. Bha am bàrd air a [XX] gu mòr aig an àm, chionn nach do rinneadh dìoghaltas air Sìol Dùghaill Inbhir Làire aig an robh làmh sa ghnìomh oillteil. An dithis ghillean òga, Mac ’ic Raghnaill na Ceapaich ’s a bhràthair, a mharbhadh nan seòmar caidil gun truas ’s gun [mhathanas/?]. Ach cha deachaidh na murtairean às an àicheadh [a’ bhaile/?] thill iad. Cha do leig Iain Lom beul às na Dòmhnallaich gus an tàinig an Ciaran Mabach agus buidheann fhear à Uibhist a thug am beatha bhuapa. Tha iad air a ràdh gur e am bàrd a nigh na cinn aca anns an tobar ris an canar a-riamh on uairsin ‘Tobar nan Ceann’, taobh Loch Obha. [Òran: Murt na Ceapaich le Iain Lom] ’S tearc an-diugh mo chùis ghàire Tighinn na ràithdean seo ’n iar, Ag amharc fonn Inbhir Làire An dèidh a sràcadh le sìol, Tha a’ Cheapach na fàsach Gun aon àird oirre ’s fhiach; Dè ri fhaicinn na bràithrean, Gur trom a bhàrc oirnn an t-sìon. Tha sibh an cadal thaigh dùinte, Gun smùid dheth, gun cheò, Far an d’ fhuair sibh an garbh-dhùsgadh Thaobh ur cùil is ur beòil; Ach nam faigheadh sibh [onair/?] O luchd ur mì-rùin bhith beò, Cha bu bhaile gun sùrd e, Bhiodh air’ air mùirn ’s air luchd ar ceòil. Tha lionn-dubh air mo bhualadh An taobh tuath ann mo chlèibh, Is ma mhaireas e buan ann B’ fheàrr leam uam e mar cheud; Gair an tèid mi ga innse A tha mi cinnteach am sgeul, Luchd a dhèanadh na sìthne Bhith feadh na tìre gun dèidh. Tha aon òran eile aig Gilleasbuig dhuinn, agus tha mi a’ credisinn gun aithnich sibh e mar cheòl a chionn gun do chuireadh facail Bheurla ris: ‘Sleeps the Moon in the Deep Blue Sky’. Ach seo na facail Ghàidhlig, mar a chuala mi iad ann an Cnapadal. [Òran: Gun Tog Mi Fonn Air Mo Mhàiri Bhàn] Air fàil ill òro air Màiri Bhàn, Air fàil ill òro, gur tu mo ghràdh, Air fàil ill òro na hù ill òro, Gun tog mi fonn air mo Mhàiri Bhàn. Mar chì thu fiadh ann an aonach cas, Ri latha grèine is mòran teas, Tha mo shùil air mo luaidh am dhèidh Mar tha sùil an-dè air an uairean bhras. Tha mo charaidean am barail ’s mi Gur e do ghràdhsa a thug mi ’n [tìr/?]], Do phòg le d’ àillte, cha dèan fonn stà dhomh, Ach mar nì d’ shlàinte don duine thinn. Chuir iad mise ann an seòmar fuar O mhoch Diciadain gu moch Diluain, Ach ged a leughadh iad dhomhs’ am Bìoball Gu latha mo chrìche cha toir mi dhuit fuath. Air fàil ill òro air Màiri Bhàn, Air fàil ill òro, gur tu mo ghràdh, Air fàil ill òro na hù ill òro, Gun tog mi fonn air mo Mhàiri Bhàn. Agus– [Port: Hòro Mo Nighean Donn Bhòidheach le còmhlan jazz] Ho Ro My Nut Brown Maiden by the Scots Soul Jazz Band. Yes, of course, an how the audience loved it! It was perhaps a bit of a license and fun within the normal framework of Gaelic concerts, but there’s nothing static about the Gaelic Society of London, who want to bring in more and more young people and aquaint them with their heritage, the music of the Celtic world. [Òran: Bheir Mi Ò] Bheir mi ò ròbhan ò, Bheir mi ò ròbhan ì, Bheir mi òro ò, ’S mi tha brònach, ’s tu ’am dhìth. ’S iomadh oidhche fliuch is fuar, Ghabh mi cuairt is mi leam fhèin; Gus an d’ ràinig mi an t-àit’ Far an robh gràdh geal mo chridh’. Fada siar air aghaidh cuain, Ghabh mi cuairt is mi leam fhèin; Guth mo luaidh anns gach stuaidh, Ga mo nuallan gu tìr. Bheir mi ò ròbhan ò, Bheir mi ò ròbhan ì, Bheir mi òro ò, ’S mi tha brònach, ’s tu ’am dhìth. [BREAK IN TAPE] [Òran: ’S Ann An Ìle] ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle rugadh mi; ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle bhòidheach. ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle rugadh mi; ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle bhòidheach. ’S ann an Ìle ghorm an fheòir A rugadh mi ’s a thogadh mi, ’S ann an Ìle ghorm an fheòir A rugadh mi ’s a bha mi. ’S ann an Ìle ghorm an fheòir A rugadh mi ’s a thogadh mi, ’S ann an Ìle ghorm an fheòir A rugadh mi ’s a bha mi. ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle rugadh mi; ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle bhòidheach. ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle rugadh mi; ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle bhòidheach. Nuair a bha mi ann an Ìle Bha Catrìona cuide rium, Nuair a bha mi ann an Ìle Bha Catrìona còmh’ rium. Nuair a bha mi ann an Ìle Bha Catrìona cuide rium, Nuair a bha mi ann an Ìle Bha Catrìona còmh’ rium. ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle rugadh mi; ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle bhòidheach. ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle rugadh mi; ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle bhòidheach. ’S ann an Ìle bhòidheach A rugadh mi ’s a thogadh mi, ’S ann an Ìle bhòidheach A rugadh mi ’s a bha mi. ’S ann an Ìle bhòidheach A rugadh mi ’s a thogadh mi, ’S ann an Ìle bhòidheach A rugadh mi ’s a bha mi. ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle rugadh mi; ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle bhòidheach. ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle rugadh mi; ’S ann an Ìle, ’n Ìle, ’n Ìle, ’S ann an Ìle bhòidheach. [BREAK IN TAPE] [Òran: Mi ’n-seo Nam Ònar le Iain Caimbeul] Mi ’n seo nam ònar an lag nan neòinean, ’S mi ’g èisteachd smeòrach ri ceòl don àl; Gur mis’ tha brònach ’s mi dèanamh òrain, Don rìbhinn bhòidhich a sheòl thar sàil’. Tha cliù thar chàich ort an dealbh ’s an àilleachd, Tha iochd nad nàdar is bàidh neo-ghann; Bhon dh’fhalbh thu Shasann à tìr nan Gàidhlig, Chan eil bheir bàrr ort an àite th’ ann. Nuair bha sinn còmhla mun chaigeann chòsaich, Gur iad do phògan thug dhomhsa slàint’; Sinn ruith nan lònan ’s a’ leum nan òban, Gun smaoin air dò-bheirt ach còmhradh gràidh. Mi ’n seo nam ònar an lag nan neòinean, ’S mi ’g èisteachd smeòrach ri ceòl don àl; Gur mis’ tha brònach ’s mi dèanamh òrain, Don rìbhinn bhòidhich a sheòl thar sàil’. [BREAK IN TAPE] [Òran: ??] [Largely untillegible until 32:21] [Òran: Ho Ro Haradal] Ho ro haradal, Hind ye haradal, Ho ro haradal, Hind ye han dan, Ho ro haradal, Hind ye haradal, Ho ro haradal, Hind ye han dan. Bann de ribeanan, A shìoda ’s de ribeanan, Bann de ribeanan, A ruidealadh mud cheann-sa, Bann de ribeanan, A shìoda ’s de ribeanan, Bann de ribeanan, A ruidealadh mud cheann-sa. Ho ro haradal, Hind ye haradal, Ho ro haradal, Hind ye han dan, Ho ro haradal, Hind ye haradal, Ho ro haradal, Hind ye han dan. Bann de ribeanan, A shìoda ’s de ribeanan, Bann de ribeanan, A ruidealadh mud cheann-sa, Bann de ribeanan, A shìoda ’s de ribeanan, Bann de ribeanan, A ruidealadh mud cheann-sa. Ho ro haradal, Hind ye haradal, Ho ro haradal, Hind ye han dan, Ho ro haradal, Hind ye haradal, Ho ro haradal, Hind ye han dan. Bann de ribeanan, A shìoda ’s de ribeanan, Bann de ribeanan, A ruidealadh mud cheann-sa, Bann de ribeanan, A shìoda ’s de ribeanan, Bann de ribeanan, A ruidealadh mud cheann-sa. Ho ro haradal, Hind ye haradal, Ho ro haradal, Hind ye han dan, Ho ro haradal, Hind ye haradal, Ho ro haradal – Hind ye han dan. [BREAK IN TAPE] [Òran: An t-Oighr’ Òg] O hì ’s na hì iù o, Hì ri rì ’s na hì iù o, O hì rì ’s na hì iù o, ’S e mo rùn an t-oighr’ òg. Oighr’ òig à Dùn Bheagain Nam pìoban ’s nam feadan, ’S mi gun dèanadh do fhreagairt Le fead ceann a’ mheòir. O hì ’s na hì iù o, Hì ri rì ’s na hì iù o, O hì rì ’s na hì iù o, ’S e mo rùn an t-oighr’ òg. ’S ann aig gairmeadh a’ choilich Fhuair mi sgeula na foill’ ort: Chaidh thu seachad an fhadhail ’S cha do thadhail thu òirnn. O hì ’s na hì iù o, Hì ri rì ’s na hì iù o, O hì rì ’s na hì iù o, ’S e mo rùn an t-oighr’ òg. Sguiridh mise gad iargain Bho nach fhaigh mi thu ’m bliadhna, Ach, seo mo làmh nach mi chiad tè Fhuair briathran do bheòil. O hì ’s na hì iù o, Hì ri rì ’s na hì iù o, O hì rì ’s na hì iù o, ’S e mo rùn an t-oighr’ òg. [BREAK IN TAPE] [Òran: ??] [Largely unintelligible until 38:23] [BREAK IN TAPE] [Òran: Brochan Lom air a sheinn le MacGregor and Hall] Ò brochan lom, tana lom, brochan lom na sùghain, Brochan lom, tana lom, brochan lom na sùghain, Brochan lom, tana lom, brochan lom na sùghain, Brochan lom ’s e tana lom ’s e brochan lom na sùghain. Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain, Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain, Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain, Brochan lom ’s e tana lom ’s e brochan lom na sùghain. Thugaibh aran do na balaich leis a’ bhrochan sùghain, Thugaibh aran do na balaich leis a’ bhrochan sùghain, Thugaibh aran do na balaich leis a’ bhrochan sùghain, Brochan lom ’s e tana lom ’s e brochan lom na sùghain. Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain, Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain, Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain, Brochan lom ’s e tana lom ’s e brochan lom na sùghain. Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain, Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain, Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain, Brochan lom ’s e tana lom ’s e brochan lom na sùghain. [END OF TAPE]