| Notes 2 |
A Chuairtear Òig,
Rinneadh an t-òran seo a leanas do sheann-bhoirionach tapaidh, a mharbh gille-martuinn, air moch mhaduinn Dhòmhnuich. Air dhith na cearcan fhaireachduinn a sgriachail, dh’éirich i as a leabaich is ruith i mach do’n bhathaich far an robh iad. Bha madadh’ruadh ann a sin ’ga ruith, is pairt dhiubh aige an déidh an ithe, ’s ’nuair chunnaic e ise a’ dol a stigh air an dorus, thig e dui leum suas ris a bhalla a siar chasadh dreun rithise; ach cha b’ ann air teicheadh, thug ise an aghaidh, (mar dhèanadh iomadh aon eile bhiodh na h-àite,) ach thug i an aghaidh airsan, agus a dh’aon olc, na’n eiginn ga’n d’ fhuair i, phiuc i foipe e gus na chuir i as da. Tha chuid ’s mo de’n òran seo air a dhèanamh, mar gu’m biodh i fhéin ’sa sionnach a freagairt a chéile. Cha’n eil teagamh agam nach bu mhath le móran do luchd-leubhaidh a Chuairtear a chluinntinn.
Is mise &c.,
Iain Ruadh |