Notes 2 |
"Rugadh Eachann ann am bùth air cnoc Shekh an ceann tuath nan Innsean, far an robh an reiseamaid san robh athair, anns an bhliadhna 1870. Bha e na oifigeach ann an reiseamaid ris an abrar na Guides, no na Treoraichean. Tha ’athair na fhior Ghaidheal, na sheanailear measail, agus na dhuine gasda. Nach mor an dealachadh a tha eadar duine uasal aig a bheil tùr agus ablach suarach gun toinisg! Tha Beurla agus Hindustani gu leoir aig an t-seanaileur Mac-Gillean, gidheadh cha’n fheil nàir air litir a sgriobhadh ann an Gaidhlig. Nan tachradh dha tuiteam ann am blàr, ’se ’s dòcha gu’m biodh uirnigh dheireannach, mar a thachair mu Iain an Fhasaidh-Fhearna, air a cur a suas anns a chainnt a theagaisg, a mhàthair Bha ’n Seanailear Mac-Gilléain ’s na h-Innsean, China, Afghanistan, is Persia bho ’n bhliadna 1854, gu 1892, agus cha do chaill e a Ghaidhlig. Tha cuid de dhuine ann a chailleas i ann an da bhliadhna, ach cha ’n fheil iad sin nan Seanailearan, agus gu fortanach cha bhi. ’S trom an éire an t-aineolas." |