Notes 1 |
Rugadh Alasdair Domhuullach ris an abrar “Mac Mhaighstir Alasdair” ann am Muideart, mu’n bhliadhna 1710. Bha ’athair ’na mhinistear de’n Eaglais Easbuigeach. Fhuair Alasdair ionnsachadh ann an oil-thalgh Ghlascho. Phos e Seonaid Domhnullach de theaghlach Dhail-an-eas ann an Gleann Eite. Bha e ’na mhaighstir-sgoil sgireach Airdnamurchann, agus ’na fhoirfeach anns an Eaglais. Ghabh e ann an arm a’ Phrionnsa, agus thainig e troimh mhoran chruaidh-chasan ’nuair a bha e am folach bho na Saighdearan Sasunnach an deigh Blar Chuil-fhodair. Bha e gle ionnsaichte anns a’ Ghaidhlig. Chuir e a mach a’ chiad Fhoclair Gaidhlig a bha air a chlodh-bhualadh, anns a’ bhliadhna 1741. Bha e ’na bhard cumhachdach, liomharra, agus rinn e moran bardachd a bha air a chur a mach anns a bhliadhna 1751. Bha e beo moran bhliadhnachan an deigh Blar Chuil-fhodair agus bha e ’na sheann duine ’nuair a chaochail e aig Sandaig. Rinn e an t-oran so leanas mar mholadh air an t-seana chanain Ghaidhealach. |