[TD 1] Part First. Price 1/. SONGS AND POEMS IN THE GAELIC LANGUAGE. BY DUNCAN MACKENZIE, “THE KENLOCHEWE BARD.” WRITTEN VERBATIM FROM THE BARD’S OWN RECITATION, AND EDITED, WITH AN INTRODUCTION IN ENGLISH, BY ALEXANDER MACKENZIE, SECRETARY TO THE GAELIC SOCIETY OF INVERNESS. INVERNESS: PRINTED AT THE ADVERTISER OFFICE, 11 BANK STREET. 1875. [TD 2] [Blank] [TD 3] ORAIN ANN SA GHAILIG, LE DONNCHADH MAC COINNICH, “BARD CHEANN-LOCH-IUGH.” AIR AN SGRIOBHADH SIOS O’ AITHRIS BEOIL A BHAIRD FEIN, AGUS AIR AN CUR AN ORDUGH, LE ROI’-RADH ANN AM BEURLA, LE ALASTAIR MAC COINNICH, RUN-CHLEIREACH, COMUNN GAILIG INBHIR-NIS INBHIR-NIS: CLODH-BHUAILTE AIR SON A BHAIRD FEIN LE UILLEAM B. & E. FORSYTH, LUCHD CUR A MACH PAIPEIR NAIDHEACHD, AIR SRAID NA BRUAICH. 1875. [TD 4] INTRODUCTION. IT affords me pleasure to introduce the following Gaelic Poems to the Public, by DUNCAN MACKENZIE, better known as “The Kenlochewe Bard.” It was feared by some that the age which produced the Gaelic Bards was gone for ever. On perusing the following pages, such sceptics will feel disposed to alter their views, and admit that we still have Gaelic Bards, had we, as of old, the people to appreciate and encourage them. Duncan Mackenzie is still in the prime of life—about 40 years of age. He composed a great number of pieces, many of which he has now forgotten, but which are known to many in his native parish. He composed several when only between 11 and 12 years of age, some of which exhibit considerable merit. The first one, however, which attracted public attention in the district to his real and undoubted powers as a Gaelic Bard is the Dialogue between himself and “Fionnlà Liath,” composed at the age of 15, and printed in this publication. The poems are given literally—as taken down from the Bard himself—in the dialect of his native district. In estimating their merit, it must be kept in mind that he was never at school, and he only learned to read the Gaelic language after attaining manhood. The Bard is a genius in many ways. He is admittedly the best weaver in his district, and turned out excellent apprentices although he never served an apprenticeship himself. He is also a good shoemaker, mason, and carpenter. A further instalment of the Poems will be published during the winter. ALEX. MACKENZIE. 57 CHURCH STREET, INVERNESS, Sept. 12th, 1875. [TD 5] ORAN EADAR AM BARD AGUS FIONNLA LIATH. AIR dha na bhard, moch sa mhaduinn air la airidh, a bhi dol seachad air tigh Fhionnlà, thoisich Fionnla air trod ris, se’n duil gur h-ann an deigh Ceat a nighean a bha ’m Bard, Bha sgoil, goirid roimh so, air tighinn don aite agus bha Ceat na ban-sgoilear mhath, ach cha robh math sam bith am Fearchair a brathair. Be MacMhairtin ainm a Mhaighstir-Sgoilè. Air fonn—“Oran na Feannaigè.” Bard.—Cia mar tha sibh ’n diugh, Fhionnlà? Na ’m bheil sibh sunntach sa mhaduinn? ’S math a mhoch-eiridh rinn sibh, ’S dath na h-oidhche air an latha; Ma tha’n teaghlach air eiridh, ’S trath a dh-fheumadh iad luidhe. Am bheil iad slan agaibh uile? ’S am bheil Cèat air a casan? N’am beil i stigh? n’am beil i stigh Fionnla.—Tha i sin bho chionn fhada, ’S i ’n deigh a glanadh sa cireadh, ’S i cur aird air a bhracaist Tha i cabhaigeach daonnan; Thug i dhachaidh ’n cliabh moinè Gu ’n duine beo anns an aonach ’S tha i ’g ionnsachdainn leasan A leabhar eachdraidh an t-saoghail, Si dol a sgoil, si dol a sgoil. [TD 6] B.—’S am beil i fad air a h-adhart N’am beil i fradharc a ghramar? ’S cinnteach mise gur minic Tha sibhs’ a cluinntim a chanain. Cha ’n eil e fearasd a thuigsinn Do neach, ach fear a tha cheaird air. Ma tha ise dha labhairt Cho math ’s as math le Macmhairtin, Cha ’n eil i tais, cha ’n eil i tais F.—Cha bhreitheamh mis air an ealain, Cha leugh mi earrainn do’n ghailig, Nuair shineas Ceat air an Laidin Cha n-eol domh moladh na caineadh. ’S gu de math dhomh bhi bruithinn? Nuair shineas is’ air a ghramar B-fhearr a thuiginn an tūnag Na chearc dhubh ’s i ri gagan, Na’n coilleach glas, na’n coilleach glas. B.—’S am beil i math air a Bheurla? Na’n i ’s reidh dhi na Ghailig? ’S mor as fhiach i bhi sgiobalt Cruaidh fileant, aig paisde; Gu de reitheadh i Dhun-eiden Cha dean iad feum dhi gu brath ann, ’S an ann bu choir dhi bhi fuireach An ceann urad na straidè, Mon’ tha i deas, mon’ tha i deas. F.—Tha i ’g obair air sgliata ’S tha i sgriobhadh gun lasadh, Fhuair i ’n t-urram air liaghadh Le guth briagha gun chasad. Tha i eileanach, rianail, ’Si us ciallaichè th’ agam ’S ge mor a chosg mi ri Fearchair ’S gann a dh aith’neas e facal, ’S gur beag a mhath, ’s gur beag a mhath. [TD 7] B.—Tha mi coma da dh-Fhearchair Cha ’n eil eanchail na chlagionn, ’S beag a dheanainn ris earbsa Mon tha e cearbach gun aithnè, Fear gun ghrinneas gun eirmsa, Nach dean seirbhis na cosnadh, ’S nach dean math fhad ’s as beo e Mar dean e seorsa da mharaich, ’S cha bhi e glan, ’s cha bhi e glan. F.—’S docha leatsa bhi bruithinn Ma dheighinn nigheanan oga, Se Ceat tha ruighinn do chridhe Nuair tha thu tighinn an comhnuidh; ’S fhearr dhuit dosachdainn rithè ’S mo dheadh nighean-sa phosadh, Mon tha i ionnsaichte, sgiobalt, Air bheag gideal ’us proisè, ’Si soitheamh math, ’si soitheamh math. B.—Eist a bhodaich gun tabhuil, Cha ’n eil thu labhairt na corach, Nam be do chomhairl a ghabhainn, Bu mhi ’n tamhasg gun eolas, Ge d’ tha mi faoin ann an rathad Cha chreid mi raidhè da bheoil-sa, Fhad ’s as beo thu air thalamh Cha ’n fhaic thu agamsa posd i, ’S bi na do thosd, ’s bi na do thosd. F.—Cha ’n eil math dhomh da leantuinn Bho ’n tha thu amaideach gorach; C’ait am faicé tu leithid ’S nach eil aic ach an oige? Tha i grinn air a lamhan ’S air cumail tigh ann an ordugh, ’S bu mhath a chuirt dhuit a faighinn Ge d’ tha thu ’n aghaidh ma chomhradh, ’S mi dha toir dhuit, ’s mi dha toir dhuit. [TD 8] B.—’S fhearr dhuit beagan a chantuinn Agus pailteas a dhearbhadh, ’S ma se ’n fhirinn a th’ agad Cha chuir mi stad air do sheanchas: ’S neonach leam-sa cho salach Sa bhitheas a h-athair san t-searmoin, ’S nach bi duine ’sa chuideachd Cho miosa trusgan ri Fearchair, Nuair thig e mach, nuair thig e mach. F.—’S fhearr dhuit-sa bhi samhach ’S sguir a chaineadh a ghillè; Cron sam bith a tha fas air Cha ’n ann da chach a tha ’n difir; ’S ma tha mise air dhroch caradh, ’S beag as fhearrda mi thusa, Bha thu mealladh a phaisdé ’Us thug thu tairè dhuinn uile, ’S cha ’n eil thu math, ’s cha ’n eil thu math. B.—Cha da mheall mise riamh i, ’S cha da dh-fhiach mi ri leithid, ’S na bi ’g innse nam briagan ’S nach eil fianaisean agad: Ge da bhithainn dha dheanamh Co dh-fhiachas ri m’ thagar? Bheir mi ciad neor-thaing dhuit ’S na bi cainnt rium nis fhaidè, ’S bi dol a stigh, ’s bi dol a stigh. F.—Cha teid mi stigh air da thomhairl’, Cha leig an co’-olc leam d-fhagail Gus an innis thu ’n gnothaich A thug an rathad-sa, an traths thu. Ma ’s ann a dh-fhiachainn ri cothrom Fhaighinn oirre-sa bha thu ’S teann nach deach e na d-aghaidh? Bho ’n thug mi toighè cho trath dhuit, ’S cha leig mi leat, ’s cha leig mi leat. [TD 9] B.—Cha bu duillich dhomh cothrom Fhaighinn oirrè na fiachainn, ’S bheirinn cuis dhi dha both leat, Ann am folais na ’n uaigneas; ’S ge da bha thu dha moladh Cha be mo raghainn-sa ghruagach. Ge da gheibhinn am baile Cha dreachainn cas air a h-uachdar, A muigh na meach, a muigh na meach. F.—’S beag a th’ eadar mi ’s buillè Thoir a mullach a chinn duit, Gus am paigh mi da thurus Anus na h-uile ni rinn thu Ma chuir thu cul rithe buileach Se da dhustadh a thoill thu. ’S math a choisinn i moladh, Cha leig i cron feadh na h-oidhche, Le fear sam bith, le fear sam bith. ORAN DON GHAILIG. Air fonn—“Cabar-feidh.” Mo bheannachd aig na Gaidheil ’S gach ait anns an tachair iad, ’S gur toilicht’ tha mo nadur Bhi clairs’eachd an cleachdaidhean, Bhi cumail suas na Gailig Le cairdeas ’us carantachd, Bi cuimhhne ’us cliu gu brath orr’ An iomadh cearn’ nach h-aithnè dhomh. Na fior dhaoin’ uaisl’ tha cinnteach suairc As lionmhor buaidh ri aithris orr’, Le ’n cainnt ro luachmhor, ’s binn ri luaidh, Gun thoill iad duais ’us beannachdainn, [TD 10] San tir mun cuairt, bho dheas gu tuath, Tha moran sluaigh nan comainè, ’S gun bi mi ann an dochas Gun gleidh na seoid gu fearail i. Si Ghailig cainnt as aosda Th’ aig daoine air an talamh so, Tha buaidh aic’ air an t-saoghal Nach fhaodar a bhreithneachadh, Cha teid i chaoidh air dhi-chuimhn’, Cha chaochail ’s cha chaidil i, ’S cha teid srian na taod innt’ A dh’ aindeon taobh dha ’n tachair i, Tha miltean feairt, le cliu, ’s le tlachd, Dha cumail ceart neo-mhearachdach, ’S i treun a neart, le briathran pailt, Cha chriòn, ’s cha chaith, ’s cha theirig i, Tha cuimhnè ’us beachd na lorg, ’s na taic, ’S cha n-iarr i facal leasaichidh. An am sinn na sailm gur binn a toirm Seach ceol a dhealbh na h-Eidailtich. Tha fianaisean na Gailig Cho laidir ’s cho maireannach ’S nach urrainn daoinè a h-aicheadh, Tha seann ghnas a leantuinn ri. Tha ciall ’us tuigse nadur, Gach la deanamh soilleir dhuinn, Gur i bu chainnt aig Adhamh Sa gharadh, ’s an deighe sin. Gur i bh’ aig Noah, an duine coir, A ghleidh, nuair dhoirt an tuil, dhuinn i, ’S mhair i fos troimh iomadh seors’, ’S gun deach a seoladh thugainne, Do thir nam beann, nan strà, ’s nan gleann, Nan loch, ’s na’n allt, ’s na’n struthanan, ’S ge lionmhor finè fuidh na ghrein, Se fir an fheilidh thuigeadh i. Tha ’n t’urram aig an fheileadh Seach eideadh as aithne dhuinn, [TD 11] ’S na daoine tha toir speis dha Gur h-eudmhor na ceatharnaich. A’ cumail cuimhn air euchdan, As treuntas an aithrichean, A ghleidh troimh iomadh teimheil, A suainteas fhein, gun dealachadh. Oh! ’s iomadh cruadal, cath, ’us tuasaid, ’S baiteal cruaidh a choinnich iad; ’S bu tricè bhuaidh aca na ruaig, Tha sgeula bhuan ud comharricht. ’S bu chaomh leo fuaim piob-mhor ri ’n cluais Dha ’n cuir air ghluasad togarrach, Sa dh-aindeon claidheamh, sleagh, na tuadh, Cha chuireadh uamhas eagal orr. Cha ’n eil canan sgriobhta Cho fior-ghrinn ’s cho ealanta, Ri Gailig ghlan ’ur sinnsear ’S gur iomadh linn a mhair i dhoibh; Bha ’n Fheinn dha labhairt cinnteach Le rainn a bha amaisgeal, ’S tha Osein a toir cuimhn’ orr’ Le dain a chaoidh nach caillear leinn; ’S bu mhor am beud nach gleidhte sgeul Air laoich, cho treun ’s cho tapaidh sud, Tigh ’nn beo gu leir air tuirc ’s air feidh, ’S cha chreid luchd beurla a neart a bh’ unnt’. Bu dileas eudmhor iad le cheíle A dol san t-streap nuair thachradh i; ’S gun d-fhag iad eachdraidh as an deigh Tha ’g innsè ’n gne ’s an cleachdaidhean. San am am bheil sinn beo Cha ’n eil coir a bhi gearanach, Tha teachd-an-tir ’us eolas Gu mor air a leasachadh, Tha sith, sa soisgeil comhlà Dha ’r comhnadh gu aithreachas, ’S tha lagh ’us ceartas comhnard, ’S cha ’n fhaod luchd foineart carrachadh, ’S tha Ghailig ghrinn gu fonnor binn, [TD 12] Air feadh nan glinn, ’s na machraichean ’S luchd dhan dha sinn le fior ghuth-cinn, A cumail cuimhnè cheart oirrè Cha leir dhomh innse h-aois sa brigh, Ach ’s iomadh linn a dh-aithris i. Cho fad ’s as leir a ghrian ’s an speur Cha teid i eug, ’s cha chaillear i. ORAN MAIRIDH DHUBH. BEAN a bha ann an Ceann-loch-iugh-aig an robh nighean a dol a phosadh. Thug Mairidh a monadh oirre ’s cha robh tigh cibair feadh nan gleann nach d-fhalbh i, a deanamh cruinneachdainn air son na bainnse. Dh-eirich Mairidh dhubh sa mhaduinn Tacan mu ’n da las a ghrian, ’S bha i urad anns a Bhealach Mu’n do dheasaich iad am biadh. Gu strutanach, ho hi luo, Feadh uchdanan, hu lo, ’S bu chiutach i, ho hi luo, Dha’m putadh ann, hu lo. Chuir iad furan air a cheile ’S dh fhoinich i gach creabh fos leith, ’N robh iad slan air feadh na teaghlaich? ’S thuirt an te’ile sin gu robh. Bha gean oirre, ho hi luo, Nuair dh-aithnich i, hu lo, Gu mealladh i, ho hi luo, Bean Alastair, hu lo. Fhuair i pairt deth na bha uai’e, Air a cheangal cruaidh, gun fhiós, Ghabh i beannachd leo nuair sinn ’S thug i suas oirrè na ruith. [TD 13] Bha cabhaig oirr’, ho hi luo, Cha stadadh i, hu lo, Mas cailleadh i, ho hi luo, “Ceat againne,” hu lo. Thug i ’n Cà’ Buidhe na sgriob oirr’, Cha robh tiod’ aice ri tamh, Dh-fhoinich i ri bean a Ghranntaich An d-fhas i gann deth na chais. Gu brosgallach, ho hi luo, Gu proiceasach, hu lo, Gu proparra, ho hi luo, Gu doiceasach, hu lo. Fhuair i taisealadh neo-ghann, Bha bean a Ghranntaich ro choir; ’S thug Mairidh Dhubh moran taing dhi ’Si falbh na deann leis a chleoc. Bha dronag oirr’, ho hi luo, Bha tomadach, hu lo, ’Si bogadan, ho hi luo, Toir togail dhi, hu lo. Char i a sud á Sthrath Chrompail, ’S gu robh h-eallach trom gu leor, ’Leumadaich air feadh nam beanntan; Sneachdà na mheall ri cuid brog. Bha gallionn ann, ho hi luo, Bha cathadh ann, hu lo, Bha frasan ann, ho hi luo, Dha sadadh oirr’, hu lo. Cha d-fhairich i deo dheth an fhuachd, Bha i suaint’ air gabhail aic, Cha be’n cŏtan tana fuar A bh’ oirrè nuair ghluais i bho ’n tigh. Bha drais oirr’, ho hi luo, Cur blath’s oirré, hu lo, ’S ma’n d’ rainig i, ho hi luo, Bha mas aisde, hu lo. [TD 14] Nuair a rainig i MacMhathoin, Bha i caithreamach gu leor, Rinn i suas ri bean an tighe Mu’n da ghabh iad leth a sgeoil. Bu chairdeach i, ho hi luo, Bu ghradhach i, hu lo, Bu dana orra i, ho hi luo, Mas d-fhag i iad, hu lo. Dh-aithnich iad gu math a nadur, Fhuair i agha dheth an fheoil, Bha i toilichtè dha ’m fagail Cha b-urrainn i tamh ris a chor. Bha cūs aice, ho hi luo, Bha cuideam oirr, hu lo, Cha b-urra i dheth, ho hi luo, Gun chuideachadh, hu lo. Thug i ’n ionnsuidh air tigh’nn dachaidh, Leis an eallach nach robh beag, Be cuid fhagail ann an Leacaidh, Mu ’m biodh eitiga na pears’. Bu treubhach i, ho hi luo, Bu teumach i, hu lo, Cha gheilleadh i, ho hi luo, Ach b-fheudar dhi, hu lo. Thainig Ruaridh mor na coinneamh, ’S fhuair i cabhair ris a phoc, Cha robh socair aig a bhothaig ’S obh! obh! aig a chroit. Gu seathanach, ho hi luo, Gu gearanach, hu lo, Bha falas air, ho hi luo, ’S gior-anaileach, hu lo. Cha da chuir e dheth an t-eallach Gus na stad e aig an tigh, ’S mor a feum a bh’ aig air anail, Fhuair e thathann leis an teas. [TD 15] Bha ’n casad air, ho hi luo, Bha ’n t-arcas air, hu lo, Bha ’n cadal air, ho hi luo, ’S bha ’n tachas air, hu lo. Dar a dh-fhosgail iad am pocà ’S mor a bha ’n toiteadh na bhroinn Bha plancaid a dh-aodach leap’ ann A fhuair i bho bhean Shim Ghrannt. Bha ioma’ rud, ho hi luo, Dha ’n dinneadh ann, hu lo, Bha gruth-im ann, ho hi luo, ’S bha uidhean ann, hu lo. Cha ’n eil mise ’g innse bhriag, Tha gach smiach a thuirt mi ceart, Cha ’n eil mearrachd na ma sgiala, Tha mi fior ’s na h-uile car. ’Si ’n fhirinn i, ho hi luo, Dha h-innse dhuibh hu lo, ’S co-dhunaidh mi, ho hi luo, Le durachd dhuibh, hu lo. AOIR MHICLEOID. DROCH shiamarlan a bha air oighreachd Ghearrloch mas d-fhuair Sir Coinneach i. Bha tigh ’us fearann aig athair a Bhaird, ann an Ceann-loch-iugh fada bhliadhnachan, air son tastan sa bhliadhna. Bha ’n sean duinè bochd gun chothrom gluasad mu thimchioll fichead bliadhna leis a chrith-ghalar, ach chuir an droch dhuinè so roimh gun cuireadh e mach ā tigh ’us fearann è. Thainig e la araidh ’s am Bard ann sa mhoinè. Dh-orduich e ’n sean duine a mach as an tigh. Thuirt an duine bochd “nach b-urrainn esa dhol a mach ge da gheibheadh e oighreachd Ghearrloch.” “Cuiridh mise mach thu” ars an t-umaidh “ge da bhiodh tu marbh.” [TD 16] Thainig am Bard, ’s ruith e ’n deigh Mhicleoid air son dioghaltas a dheanamh air, ach cho luath so chunnaic e tighinn e thug e chasan as cho grad sa bh’aige air muin an eich. Thoisich am Bard air an Aoir. Dh’aithris Murchadh Mac-a-leathan da Mhacleoid i oidhche togail a mhail. Chaidh e luidhe’ agus co dhiu ’s e eagal a ghabh no nach e, cha d-eirich e tuilleadh; fhuaradh marbh na leabaidh e, sa mhaduinn. A Thearlaich Mhic-Leoid, tha thu dona gu leoir, Tha gamhlas an t-sloigh lionmhor dhuit, Gach neach air da thoir gu d’ phronnadh le’n deoin, Le spionnadh nan dorn geur-bhuilleach, Le cru’anan cruaidh dha d’ ghearradh mun cuairt, A chuireadh gu luath suainteas ort; ’S cha bhithinn fuidh bhron, ge da rachadh da leon, ’S gun tilgeadh tu ’n deo uair-eigin. ’S gruamach do ghnuis, ’s rogach do shuil, ’S fiadhaich gach taobh sealtuinn thu, Bagarrach, gnu, aineolach, bruit’, ’S mairg a th’ air aon oighreachd riut. Spuill thu gach creabh, an airgiod sa spreidh, Chreach thu le geur aineart iad; A chrochaire chruaidh, robaig thu’n tuath, ’S truagh nach robh ’n uaigh deanta dhuit. ’S ann ort a tha ’n ceann as mallaichtè greann, Craos agus sean fhiaclan ann; ’S an-iochdmhor da chainnt, mionnan gun taing, Seirbhiseach an-diadhaidh thu. Tha bith gu na chnaimh, ’s bithidh gu brath, Aig muinntir tha tamh ’n Gearrloch dhuit; ’S ma ’n caoitich thu ’n t-ait, chi iad thu pait, ’S do dhruim ris an lar, ’s thoill thu e. Bu bheag leam a chroich fhaicinn air cnoc. ’S tusa ga d’ thoirt suas oirrè, ’S tobha nach b-olc, mu da sgornan le’m thoil, ’S tu slaodadh ri post uamhasach. [TD 17] Gun aon bhi fuidh sprochd, a cuimhneachadh ort, ’S tu bhi ann an cor diachainnach; ’S b-eibhinn am port ri chluinntuinn a nochd, Do bhas, ’s cha bu droch sgiala leum. ’S na faighinn dhomh fhein athchuimhnich reidh, Thigeadh an t-eug iasgaidh ort, Dha d’ sgathadh le geur-chlaidheamh nach geill, A ghreasadh gu pein siorruidh thu. Tha mallachd nam bochd dluth na do chorp, ’S gheibh iad, le toirt, iarratus; ’S cha choinnich ach olc, ri t-anam air son, Na rinn thu do dhroch ghniomharan. Be durachd gach neach da sgiursadh le neart, ’S cruaidh bhuill’a bhat fhiachainn ort; A ghruaim-shuilich ghlais, ’s duanidh do dhreach, Cha dhruigheadh na seachd siantan ort, Tha d-aodan fuidh smal, daonnan gun mhais, Mar aotraman mairt blian-bhuidhe, ’S do bhriathan gun bhlas, ’s briagan ma seach, ’S do dheud mar an t-strap gheur-ghreimach. Na’m faicinn na coin, a stri air do shon, ’S do chom bhi air dhroch riaspanaich, Marbh ann an slochd, gun aodach bhi ort, Direach, mar phloc fiar-thalamh. Do cheann bhi air stob, dealaicht’ uath’ d’ chorp, Do shuilean as dreach liath orra, Do theanga na stad, cho balbh ris a chlach, ’Us dreun air do chlab fiasagach. ’S iomadh banntrach bhochd fhann, rinn thu eigneachadh teann, ’S tu g’an damnadh le cainnt uamhasach, Agus dilleachdan lom, rinn thu sharachadh trom, Cha robh truas na do chom, riamh riu. Cha be riaghladh an aigh, a thug riamh thu do’n ait, ’S nach robh cliu ort ach, “sar bhriagadair.” ’S cha bhi m-inntuin aig tamh ach an cluinn mi do bhas, ’S gu ’m bi m’athchuimhnich lan riarichtè. [TD 18] ORAN DA SHIR COINNEACH GHEARRLOCH AN OIDHCHE A PHOS E. Chuala mi naigheachd ro thaitneach ri h-eis’neachd, Sgeula chaidh aithris am baile Dhun-eidin, Sir Coinneach bhi seachnadh ard bhan-tighearnan Shasuinn, Sa posadh ri ainnir, cho maiseach ri te dhiu’. Nighean tighearn Ilè tha cinnteach ro uasal, Cho fad sa theid firinn a sgriobhadh man cuairt dì, Eireachdail, finealta, direach, ro-stuama, Ailleagan priseil, bho shin i air gluasad. ’S ciatach a charaid ’s iad Gaidh’lach le cheile, Tha uaisle nan nadur thug bar air na ceudan, “Ban-tighearn og Ghearrloch” an trath sa dha h-eigheachd, ’S cupaichean lana dha ’n traghadh le eibhneas. Tein-aighir ’s gach aite, le gairdeachas inntinn, Bho iosal Strath Ghearrloch gu Braighé na tirè An tuath-cheatharn laidir dha ’m b-abhaist bhi dileas, A dearbhadh an cairdeas ’s an daimh nach da dhiobair. Tha i’slean ’us uaislean san uair so aig feasda, Ag innse gach buaidh a bha dualach dha ’n teaghlach, Nan suidhè gu h-uallach an guaillean a cheile Ag guidhe bhi buan doibh, le suaibhneas ’us eibhneas. A bhan-tighearn og aluinn tha’n traths air an tir so, A dh-fhior fhuil nan Armunn bha tamh ann an Ilè, Na Caimbeulaich laidir, bho chrioch Ar-a-Ghaidheil, Toir buaidh air an namhaid ’s gach ait anns am bi iad. Tha cliu air na gaisgich dha’m b-aitreabh an tigh Digè, ’S priseil an eachdraidh th’air cleachdadh na sinnsear, Bu mhoralach, maiseach, an curaidh Sir Eachainn; Bha eis’neachd aig fhacal am Bailè na rioghachd. [TD 19] Sir Frank, an duin’ uasal, bu shuaircè ro choir e, Meas aig an t-sluagh air, ’s bha ’n tuath air an seol leis, Sealgair na’m fuar-bheann, ceum uallach air mointich: ’S minic a bhuail e, na luath’s an damh croiceach. Buaidh ’us cinneachdainn, piseach, ’us ainm dhoibh, Slaintè ’us toileachdainn, sonas ’us sealbh dhoibh, Saoghal fada, gun ghainnè, gun chearb dhoibh, Gearrloch ’us Lagaidh, bhi pailt ann an airgiod. ORAN NA BRICÈ. FHUAIR am Bard a sharachadh gu h-olc leatha. Thugadh duil nach biodh e beo. Bha e ochd latha gun fharachdainn, ’s bha ’n sluagh ag radh nan eireadh am bard uaipé, nach deanadh e oran tuilleadh. Cho luath sa thainig e as an leabaidh rinn e ’n t-oran a leanas. Air fonn—“Caraid agus namhaid an uisge-bheatha.” ’S ann ma dheireadh an Earraich A phos misè chuis fhanaid, ’S mi nach iarradh ma charaid, A dhol an car na tè Bric. Cha be’n gaol a thug mise, A chuir na dail mi gun fhios domh, Ach gun d-fhailing mo mhisneach, Nuair thainig ise na ruith. Cha be cadal ’n am achlais A rinn a chroma-chailleach rapach, Ach eiridh orm anns a chlagionn, ’S mo chuir bho fhaireacdainn tūr. Bha duirn cho cruaidh ris an darach, Dha ma bhualadh le farum, ’S cha robh ma chobhair air thalamh, ’S mi air ma cheangal na h-uchd. [TD 20] Thug i lamh air ma sgornan, Gu ma thachdadh le h-ordaig, Dhinn i m-amhaich le crogan, ’S thug i scrob air ma cheann, Chuir i bothlaich na m’ eanchail. Cha robh ciall aig mo sheanchas, Chaidh an cadal air dhearmad, Sa h-uile eirmseachd a bh’ ann, ’S ann bha mi faicinn na Feinnè. ’S na daoine tapaidh bha’n Eirrinn, A cur a chath air na sleibhtean, ’S ann orra fhein a bha ghreann. Cha robh mi faire’ainn nan creuchdan, A bh’ air ma choluinn, ach eutrom, ’S mi na ma luidhè gun eiridh, Air bheag ceill, ’us mi dall. Chuir i sac air mo chul-thaobh, Nach robh furasda ghiulan, B’ fheudar luidhe, gu sumhail, Fuidh gach luireach a bh’ann, Thug i neart ā mo ghluinean, Bha mo chasan a lubadh, Cha robh mi comasach tionndadh, Bha gach taobh dhiom cho fann, Cha robh leth-orlach slan dhiom, Ach nam bhuiceanan bana, H-uile h-aon dha mo chradh dhiu’, ’S mi dol trathan bho chainnt, ’S bu cho math dhomh bhi samhach, Ri bhi gearan mar bha mi, Cha robh furtachd an dan domh, Gus an d-thainig an t-am. Bha mo chnaimhean air spealgadh, Ochd latha da dh aimsir, ’S ann a theab i mo mharbhadh, ’S an caothach dearg na mo cheann, Lan diachainn ’us aimlisg, Lan bothlaich ’us starearaich, Shin an leabaidh air falbh leam, ’S mi ann an dorchadas caillt. [TD 21] Cha robh mi faicinn ach sgleothan, A dol sa tighinn an comhnuidh, Dh-fhas an saoghal cho neonach, ’S nach robh solas dhomh ann, Buinn mo chasan a leon mi, Sa chuir bho fhaireachdainn beo mi. ’S mor a dh-fhuiling mi dhoruinn, An latha phos mi ’n te cham. ’S mairg a thug “A bhean mhath” ort, Ach culaidh uamhais gach galair, ’S mise dh-fhaodadh a chantuinn, ’S ann air mo bhathais tha bhlath, Bha thu puiseanta, salach, ’S-fhada dh-iarrainn do sheachnadh, Dh-fhag thu ruisgte gun fhalt mi, ’S thug thu ’n craicionn deth m’ fhéoil, Cha be choimh-leapach ghlan thu, Bha thu fiadhaich le tachas, Dh-fhas m’ fhiasag cho fadà, ’S gu robh i falach mo bheoíl, Rinn i m-aodan cho greannach, Lan thuill, agus lagan, ’S thug i ’n lus as mo chasan, ’S dh-fhag i lag mi gun treoir. Rinn am pathadh mo mhilleadh, Dh’ àt mo theanga, ’s mo bhilean, Chaidh mo mhionach na theinè, ’S bu chruaidh an tinneas a bh’ ann, A bhi gun leirsinn, gun bhruithinn, Gun chail beidh aig mo chridhè, Gun chomas eiridh na suidhè, Ach na mo luidhe gu trom. Cha be ’n t-’socair a bh’ agam, Air mo phianadh le galair, Na h-uile mir dheth mo phearsa, Nam builg ghlasa gun cheann. Gun duine beo tigh’nn dha’m amharc, Ach seana-chailleach gun tabhuil, Nach cuireadh rian feadh an tighè, ’S ro mhath a ghabhadh i ’n dram. [TD 22] ORAN CAILLEACH UILLEAM. AIR do Choinneach MacCoinnich, MacDhochail, nighean na Caillichè a phosadh. Bhitear a cur air a chaillich gu’m biodh i ri buidseachd agus a toir a mach an toraidh. Se Seonaid a b-ainm dhi. Bha cairdean Choinnich ro-bhuileach na aghaidh air son Ceat a phosadh. Air fonn—“Murchadh am fleasgach.” Luinneag— Ho be ’n duine gun tur A phos a nighean nach b-fhiu, Sa liughad tè churailtach aluinn Bha eadar Strā Ghearrloch ’s Poll-iugh. Nuair chruinnich an sluagh cho na bainnse Bha ’m pailteas a dh-anlan air bord, Bha’n Tè air a tarruing cho laidir, ’S nach b-urrainn na Gearrlaich a h-ol, Bha ’m Betanidh, ’s duilleag na deantaig, Soda na ceann, sa lūs-mor, Bha siucar cho dubh ris an tearr inntè, ’S bainne na batha nach beo. Ho be, &c. A mhuinntir bha sgith agus arcach, Bha feum acà blasad air biadh, Dar chuir iad an t-im air an aran, Bh’ a ghaoth a cur casg air am miann, Dh-eirich am mionach ri’n slugan, ’S bha ’n cridhè cur char dheth nan cliabh, ’S bha tligheachd ’us grain air gach duine, Thug bar air na chunnaic iad riamh. Ho be, &c. Bu neonach leam Mac Mhic an-toisich, Nuair thainig e cheol cho na bainns’, ’S e dhaoine an robh ardan, us mor-chuis, Tha fios nach bu choir dha thigh’nn ann; [TD 23] Chaidh a bhean-shithè na mheorain Nuair shin an duin’ og air an danns’. ’S bu bhinnè na chuag sa smeorach Am port a chuir seonaid na cheann. Ho be, &c. Cha ’n itheadh e biadh air an ailleas, Cha ’n fhuilgeadh a chail dad a bh’ ann, Bha sgornan cho tioram ri fallas, ’S am pathadh dha sharachadh teann; Cha ’n oladh e ’n Tè rinn Seonaid Mo n’ chuir i phoit-sheomair na ceann, ’S ann shin e air ceangal a bhrogan, ’S gun tug e’n tigh-osd’ air na dheann. Ho be, &c. ’S e mathair Ceat Uilleam bha lamhach, Nuair chaidh i ’n riochd gearr feadh na duthch’. Bha im aic’ a thoradh a Bhraighè, ’S bha ’n caisè bho mhnai Leitir-iugh; Bha ’m bainne cho tiugh ris a bhar aic’, (’Us maoidhè dubh lan ann an cuil), Dha bhleothan a duthan na slabhraídh, ’Si ’g-aithris na rann a bh-aig Fionn. Ho be, &c. Nuair chuir iad a charaid a chadal, Bha chailleach dha fairè gu treang; Chuir i uisg’ oir, air an casan, ’Us liath-lus ’us aitean fuidh ’n cinn; Bha i dha sianadh ’s dha’n teagasg, An dochas gun gineadh iad cloinn; ’S chuir i fath fidh air na balaich, Cha loisgeadh na dagichean straoil. Ho be, &c. Tha sgeula ri aithris mu’n deighinn, A leanas an dream ud a chaoidh, Buidseachd, ’us druidheachd, ’us farmad Tha sud air a dhearbhadh le cinnt. [TD 24] Bi masladh, ’us seachnadh, ’us dearmad, Air teaghlach Dhomh’l Mhurchaidh ri’n linn; ’S bi uirsgeul aig cuid deth na caill’chean, Gu fac’ iad i ’falbh a chruidh laoidh. Ho be, &c. Bi’ crodh Ach’g-a-charn air a milleadh, Cha ’n araich iad tuilleadh na laoigh, A faladh, sa call an cuid fionnaidh, ’S cha mho a bhi’s sgil air an druim, Bi Ceat a cur bainn’ ann am bionaid, Na roinnich dhubh bhirich, gun loinn, ’S bi ’n gruth aig Mac Dhochail dha ithè, ’S cha mhair e ach diom’ain na bhroinn. Ho be, &c. ’S beag a bha duil aigè posadh, An latha chaidh Seonaid na chainnt, Rug i da uair air a chrogan, ’Us chuir i na h-orrachan ann; Thionndaidh a chridhe le solas, Chaidh dalladh fuidh sgleo air san am; ’S chan fhaiceadh e aonan cho boidheach Ri Ceat, dha da sheoladh e ’n Fhrainc. Ho be, &c. Bha Mairidh ghlas bhrucach aig Fionnlà, Na seir’eanta diulaidh fuidh chach, A glanadh, sa g-imleach nan truinnsear. A pronnadh, sa goideadh a chail; Bha rapas mu broilleach ’s mu cuinlean, ’Si ’g ithè na fui’lleach aig cach, Dh-àt i, ’s bha acan, ’us caoidh aic’, Mar bho, ri cur-laoidh anns a Mhairt. Ho ’s ann aicè bha chail, Nuair lion i corp a chuid chaich, Cha b-aithne dhi sgur nuair bu choir dhi, ’S cha chreid mi gu ’m pos i gu brath. [TD 25] DI-MOLADH MHIC-IL-AINDREAS. Air fonn—“Caraid agus namhaid an uisge-bheatha.” Bi’ mi ’g innse mo sgiala Ma Mhac-il-Aindreas, fear Chiarnaig, Duine ceannaircach, fiadhaich, A chaill a riaghailt, ’s a mheas, Chuir a phrois as a chiall e, Dh-fhas e brosgalleach, briagach, Cha sheas fhacal, na bhriathran, Ge ’d reigheadh an sgriòbhadh le īt, Carach, cealgach na inntinn, Lan do ghineach an t-saoghail, Cha ’n eil a shamhla ri fhaotainn, Tha è daonan na dhrip; Cuiridh ’n trudaireachd cli e, Anns na h-uile ni ni e, Cha ’n eil e seasaidh air firinn, Ach a sior dhol na’s mios. Rinn e gniomh a bha grannda; Sgaoil a chliu feadh gach aitè, Nuar chuir e call air an armunn Ri ’n can na Gaidheil “Maol-Banc”; Duine treidhireach, direach, A lean duthchas a shinnsear, Uasal, urramach, priseil, Ard-inntinneach, glic; Fear a dhearbhadh an fhirinn, Air beulaobh ceartas na rioghachd, Cruaidh, fileanta, dileas, Lan-chinnteach na ghuth; ’S cha ’n fhaigh clann ’l-Aindreas ri ’n saoghal, A leth do mheas, uath chlann daoine, Sa fhuair esà na aonar, Ge d’ thainig caochladh air cuid. [TD 26] Bu mhor a naire dh-fhear Chiarnaig, Bhi cur an aghaidh gach riaghailt A bha Sir Coinneach ag iarraidh, ’S gu’m bè mhiann a bhi ceart, Cha robh mealladh, na fiaradh, Anns an oganach chiatach, Cliu, ’us onair, ’us fialachd, Sud an gniomh an robh thlachd. ’S ann da bu choir a bhi ciallach, Daingeann, cinnteach, ri fhiachainn, Ciuin, tairis, na bhriathran, Le barail ghiar a toir breth. Bha buaidh a leantuinn a sheorsa, Ard-ghliocas, ’us eolas, Sar-fhoghlum, gun mhor-chuis, Anns gach comhradh, ro-dheas. Ach tha fear Chiarnaig na shalachair, A measg uaislean na h-Alba; Ogha ’n fhir a bha ainmeal A bhi na chealgaire tric, A spuill an t-airgiod à Leoghas, Cha b-ann le onair, na ordugh, Ach leis an triuthaireachd sheolta, A ghleidh an rogair’ ud cus. Bha iomadh mallachd na chota, ’N latha charadh fuidh’n fhod e, Cha robh duine fuidh bhron ann. ’S e bu chomhradh da chuid, “Cuiridh cuideam gu leor air, ’Se e fhein chuireadh oirn’ e.” Fear gun fhabhar gun trocair, ’S cha’n fhearr doighean a shliochd. ’S dhearbh Seumas a dhuthchas, A bhi na shiamarlan bruideal, Mar bha sheanair bho thus, A creach, ’s a rusgadh nam bochd. [TD 27] Am fior-anmhaidh, gun churam, Gun Dia, gun chreideamh, gun umhlachd, Gun chliu, gun tuigse, gun diulam, Ach na ūmaidh gun tlachd; Gheibh e bhreitheanas dubailt, Air son na Rósaich a sgiursadh, A Gleann-a-Chalbhaidh le dhurachd, Na daoine ionraic gun lochd; Bha riamh onarach, sumhail, Gun sgilig fhiachan air chul orr’, ’S na màil paight’ aig gach aon diubh, ’S gach cis shaoghalt bha orr’. Bu truagh, cianail, a dh-fhag e, Gleann-a-Chalbhaidh na fhasach, An sluagh sgaipte anns gach aite Gun cheo, gun larach, gun tigh, Air an ruagadh le tamailt, ’S olc a fhuair iad an caradh, Gun aite fuirich na tamh ac’, Gun truas, gun chairdeas, gun iochd. Chaidh cuid a chomhnuidh fuidh sgail dhiubh, Ann an cladh Chinn-a-Chairdin, Thug sud masladh, ’us tairè, Dha ’n t-siorr’achd ghaidh’leach so ’m feasd ’S bi Seumas mor air a phaigheadh, An lath’ a ghairmeas am bas e, ’S cha bhi bron air na Gaidheil, Nuair theid a charadh fuidh lic. Rinn am buamasdair grannda, Obair eile, bha graineil, A chur air ruaig Cloinn-’ic-Thearlaich, Bha paigheadh mal Choirre-bhuic, An tuath chothromach, laidir, Nach dh-fhuair masladh, na tairè, Gus an d-thainig a namhaid Nach deanadh fabhar air bith. [TD 28] Chaidh an sgaoileadh ’s gach aite, Cha robh trocair na nadur, Fear gun choguis, gun nairè, Air an luidh an caineadh as mios’. ’S iomadh athchuimhnich araidh, Chaidh a ghuidhè dha chnaimhean, ’S cha ’n urraim esa bhi sabhailt, Ann an aite sam bith. Chaidh fear Chiarnaig a dhearbhadh, Na dhuine cunnartach, coirbte, ’S gum bheil gionach an airgiod, A cur eanchail air bhoil. Ceann glogach, mi-dhealbhach, A chaidh a lionadh le farmad ’S cha ’n eil uaisle na anabharr’ Ann aig aimsir sam bith. Rinn e aontachadh cealgach, Nuair a cheangladh am bargan, Air son bailè ro ainmeal, Bh’ air a thairgse “Mhaol-Banc,” Bi sud na chuimhneachan laidir, ’S cha ruig moladh gu brath air, Bu mhor am beud e bhi lathair, Ann an aite cho math. Bha leth-cheud nōt’ air ri phaigheadh, Chaidh sud a sgriobhadh air paipeir, ’S chuir an trustar a lamh ris, Bu mhor an nairè dha sin, Nuair chaidh luchd meas air an aitè, Cha da chord, e ri nadur, Shin am balgair’ air aicheadh, Mo ’n bha e lan, deth na ghlut; Cha ’n fhiach e creideas, na dail, Ann an gnothiach iosal, na ard, Modh, na urram, thoir dha, Ach a h-uile tairè mar thig, [TD 29] Cha ’n eil e uasal, na aluinn, Ann an cumadh, nan nadur, ’S gum be durachd nan Gaidheal, Gun dre’adh a larach a sgrios. ’S e mo bharail dha rireadh, Bho ’n chaidh do chliu feadh na tirè, Gu ’n gabh an saoghal dhiot mi-thlachd, Mo ’n tha thu daonann air fheadh, Na da bhreugaire dileas, Air taobh dochair na firinn, Cha sheas bargan a ni thu, ’S tu cama-dhireach san lagh. Cha ’n eil peacadh san rioghachd, Nach eil pairt deth na t’-inntinn, ’S gu ’m bheil a Namhaid le dhichioll, A cur a shil na do phears’. ’S ge d’ bu bhreitheamh mi fhein ort, Chum do thearnadh as ion’an, ’S mor gum b-fhearr leam do dhiteadh, Na dhol a dh-aontachadh leat. MOLADH CHEANN-LOCH-IUGH. Air fonn—“Mo ruin an cailin.” Luinneag— He horo, se tir nan gaisgeach, He horo, se tir nan gaisgeach, Tir nan gaisgeach, fearail, laidir, Ceann-loch-iugh nan Gaidheal smearail. Tir nan ian, na’m fiadh, ’s na frithean, ’S na strath iosal, sios dha’n sior chur, Cruinn, ’us gearanan, nach diobair, Tarruing direach nan sgriob fada, He horo, &c. [TD 30] An tir thioral, ghrianach, ghrideil. Lubach, lointeach, mhointeach, fhraochach, Luma-lan crodh-dair, ’us caoirich, Coin ’us daoin’ air taobh gach bealach. He horo, &c. Luibh, ’us lusan, anns gach aitè, Coill, ’us cnothan, anns gach cearnaidh, Uillt, ’us aibhnichean nan car-shrath, ’S bradain tar-gheal dha ’n snamh thairis. He horo, &c. ’S fionnar, fallain, gaoth nam beanntan, ’S blath gach glaic, an tiom an t-samhraidh, ’S feur fuidh dhealt, ’us gairt mu bhealtuinn, Spreidh ’s gach ball, ’us clann dha faiceall. He horo, &c. An tir am pailte mnathan coire’ Gun bhi doicheallach, na dolum, Cha tig bochdainn air an t-seorsa, ’S cha bhi h-aon ri ’m beo dhiubh falamh, He horo, &c. An tir am pailtè gillean oga, Le ’n cuid breacanan an ordugh, Ni iad cridheach na h-uile comhlan, ’S maighdean og air thoir gach fear dhiubh, He horo, &c. An tir as grinnè ghlainè-bhoidhchè Gruagaichean an irè posaidh, ’S iad gun ghaoid, gun mheang, gun mhor-chuis, Stuaim, ’us stolda, comhnard, loinneal. He horo, &c. ’S i ’n tir chreagach, chlachach, sgrideach, Far nach seas an cat air ion’an, Bheireadh dulan arm na rioghachd, Dhol dha direadh ri la gallionn, He horo, &c. [TD 31] Tir an luidh an sneachda geamhraidh, ’S leinè ghlan air druim nam beanntan, ’S i cho geal ’s nach h-urrà cainnt Nas gilè shamhlachdainn air talamh. He horo, &c. Tha Loch-ma-Righè bho linn Noah Domhainn, fada, leathann, comhnard, ’S milsè na fion, deoch ri h-ol as, ’S gheibhtè méin an oir na chladach. He horo, &c. ’S tha ait adhlacaidh ro neonach Na theis-meadhon, Eilean boidheach, A bha uair na aite seoin Aig daoine morà mar bha sagairt, He horo, &c. Tha Ceann-loch-iugh gu h-iomlan, aillidh, Eadar ghleann ’us Sthrath ’us Bhraighè, ’S mor a mhiorbhailtè mar tha e, ’S na h-uilè linn a fàs nas laigè. He horo, &c. ORAN CHALLUM PHIOBAIRÈ, Brathair a bhaird ’s e air cuir geall nach deanadh e oran air fonn “Ho bā ma lanamh” ’s am piobaire aig an am dha chluich. Nuair a shineas Callum, air ceol, air ceol, Gun critheadh an talamh, ’s na neoil, ’s na neoil, Le fuaim nan dos strannach, dha’n gleusadh le aithnè, ’S dha ’n seideadh le anail, a bheoil, a bheoil. [TD 32] Bi ’m balg fuidh achlais, gu cruaidh, gu cruaidh, ’S bi rachanan dathtè, ri chluais, ri chluais, ’S gur boidheach, finealta, an ceol a shinneas e, A mheoir a pribeadh gu luath, gu luath. ’S bi danns’ air balaich mu’n cuairt, mu’n cuairt, Ri oighean glana, gun uaill, gun uaill, ’S gun caill iad na casan, ’s gun tuit iad nan glagrich, Mas teirig do Challum, nam buadh, nam buadh. Tha feadan math aige tha suainte, suaint’, Tha sgal aige chluinneas gach cluais, gach cluais, Tha cnaimhean geal air, gu laidir, snasail, Cho teann ’s nach caraich, ’s nach gluais, ’s nach gluais. Tha ribheid a sparradh, na cheann, na cheann, Cha ’n fhaodar buntainn di ann, di ann, Ma leigeas i sgread aisdè, goiridh na creagan di, ’S mor a chuis eagal a th’ann, a th’ann. Tha iobharidh shnaighte, ro ghrinn, ro ghrinn, Air ceann gach maidé tha innt’, tha innt’, ’S i suas le farum air guaillean Challum, Dos mor cho fada ri crann, ri crann. ORAN EADAR AM BARD AGUS MAIRIDH NIC BHETHAIN ’S I AIR GRADH RIS GU ROBH NA BAIRD UILE CAILLTE. Bard.—’S nach bochd an gnothuich a Mhairidh, Nach urrainn thusa bhi samhach gu brath, Tha thu ladurna, dana, Nuair a shin thu air caineadh nam bard, Ge’d tha mise mar tha mi, Le mo theanga neo-sgathach ro-ghearrt, Cha ’n eil mi ’g aideachadh crabhaidh Mar tha thusa, gun chail agad da. [TD 33] Mairidh.—Tha mi ’g aideachadh crabhaidh, ’S tha mi moladh an t-Slan’ear gach la, ’S tha mi ’n dochas nach fhag e mi Anns a chomunn an d-fhag e na baird; Cha ’n eil rian air an tearnadh, Chuir iad cul ris na h-aithnean a b-fhearr, ’S cha teid tamh air an cairean, Ach a beumadh sa mabadh air cach. B.—’S tu labhair na briagan, A Mhairidh dhubh, ged as diadhaidh do chainnt, Chuir thu sgleo air na ciadan, ’S cha robh ’n fhirinnè riamh na do cheann, Cha ’n eil aithn’ air a sgriobhadh, Nach do bhrist thu mas deanainn-sa rann, ’S tu ’s mios th’ anns na criochan, Mar a h-atharraich Dia thu air ball. M.—Bu tu ’n t-uamhas air thalamh, Chuir thu gluasad air m’anam le oillt, Cha bhi sith ann am baile, Anns an tamh thu, nan caidil thu oidhch’; Rinn thu ’n duthaich a shalach, Leis na briathran a th’ agad neo-ghann, ’S na’n tigeadh caob dheth do theangaidh, Cha bhiodh aon neach a gearan do chall. B.—Cha bhiodh tusa dha ’m ghearan, Ged’ a chaillinn an teanga san ceann, ’S nam biodh Dia dha da fhreagar, Be do dhurachd nach seasainn ach fann, Tha mi ’n comhnuidh fuidh eagal, Gun dean druidheachd ni’c Bethaig mo chall, Mon’ a chuala mi cheana, Gun robh bhuaidh ud ga leantuinn gach am. M.—Nam biodh an druidheachd sin agam, Bhiodh am bard bho chionn fhada na thamh, Cha bhiodh aoirean air airè, ’S cha bhiodh caineadh air cailleagan tlath; [TD 34] Ged as cruaidh e ri chantainn, Re’ adh do shuaineadh an anart a bhais, ’S re’adh do charadh fuidh ’n talamh, ’S bhiodh do spag-chasan fada ann a sas. B.—Cha ’n eil teagamh nach d-fhiach thu, Ri na b-urrainn thu dheanamh ma thrà, ’S mar a bithinn-sa sianta, Bhiodh mo phears’ air a phianadh le cradh, Cha ’n eil eolas, no diadhachd, Na do chridhè, ach blianach gun stà. Cha sheas do chreideamh dhuit sian, Nuar a dhuinear do bhial aig a bhas. M.—Tha sin fior dha do thaobh-sa, Fear gun chreideamh, gun churam, gun ghras, Fear nach fhaicear ag urnuigh, Na ri lubadh a ghluin air an lar, Cha teid thu dh-eaglais na shearmoin, Tha thu daonan a dearmad na Slaint’, Ni thu baothaireachd sheanchais, Sud a chuis air ’n do dhearbh thu do lamh. B.—’S donà b-fhiach mi na dh-ithainn, Mar a labh’rinn cho glicè riut fhein, ’S bha mi ’n searmoin cho trice, ’S nach toirinn taing dha na mhinistear fhein, ’S na ’m be lubadh na h-iosgaid, Bhiodh feumail cha bhithinn-sa ’n eis, Chuirinn geall riut mas sguirinn, Gun deanainn urnuigh ri duine sa chleir. ORAN DA SHAOR-THOIL-SHAIGHDEARAN GHEARRLOCH. Air fonn—“Teann a nall ’us tiuntan rium.” Na Saor-thoil-shaighdearan tha’n Gearrloch Daoinè tapaidh, lugh’or, laidir, Cha ’n eil arm aig righ bheir barr orr’ Latha blair ma thogras iad, [TD 35] Sud na laoich a tha neo-chli, ’S gur boidheach leinn na deiseachan, A fhuair iad bho Shir Coinneach grinn Tha ’os an cionn na cheannard orr’. Sud na fir a tha neo-chearbach, Le feileadh, ’us seacaidan dearga, Cabar-feidh air bucaill airgiod, ’S bonaid ghorm Ghlinngarraidh orr’. Sud na seoid nach geill san toir, Gun fhiamh, gun sgleo, gun eagal orr’, Cha tig lapanas ri ’m beo, Air na fir ogà fhleasganta. Sud na fir a shiubhlas comhnard Cur nan car dhiubh ’reir an ordugh, Iomlan, ionnsaicht’ air son comhraig, Ma thig foineart cogaidh oirn’, Ni Gearrlaich feum ’s gach aite ’n teid, Le ’n airm gun mheirg gun smal orrà, Gu sunndach, lamhach, eutrom, gleusda A dol san t-streup air cheatharnas. ’S grinn an comhlan iad air faichè Cuimtè, direach, fior-ghlan, maiseach. ’S iad gun ghaoid, gun mheang, gun ghaiseadh, Lan da neart ’s da smeàralas, Na fir chruadalach, gun ghruaiman, Cha luidh tuail am feasd orra, Sa dh-andeoin namhaid thig mu’n cuairt, Gun toir iad buaidh gun eisiomail. Tha iad calma cruaidh neo-sgathach, Le ’n cuid airm, ri grian a dearrsadh, Calpa cruinn fuidh ’n eideadh Ghaidh’lach Sunndach, slainteach, tomadach, Na fir fhonnar, thoirmeal, ainmeal, ’S anamanta na fleasgaich iad, Cha’n eil Coirneal no Comanndair Nach toir dhoibh deagh theisteanas. [TD 36] Tha Burgess na shàr dhuin’-uasal ’S duinè grinn air cheann ag t-sluaigh è Guth a bheoil mar cheol na’n cluasan ’S theid iad tuathal ’s deiseil leis. ’S e fialaidh coir, cha chao’ain e’n t-or, ’S e ciallach, eolach, misneachail, Gun uaill, gun phrois, gun bheud, gun leon, ’S tha cliu ro-mhor ’us meas ac’ air. Murchadh Friseil a’n Strath Ghearrloch, Saor as fhearr a chumas bata ’S tapaidh ’n searsan am measg chaich è, ’S cairdeach da Mhac-Shimidh è. Fear mor, ro chalma, treun fuidh airmeachd, ’S leathann, garbh, a shlinneanan, ’S ann às a dh’ earbainn turn a dhearbhadh Nuair bu sheirbhè ’mhirè-chath. Tha Coinneach Siosal fiosrach, eolach, Air son arm a chur an ordugh, An comhstri lann ’s an am na toirè, Dha ’n cur air sheol gu sgiobalta. Tha foghlum mor an ceann an t-seoid, A fhuair e og ’s nach dealaich ris, Na shearsan comhnard, rianal, stolda, Briathrach, eolach, faiceallach. Tha Uilleam Mac-an-Tosaich sunndach, Easgaidh, tapaidh, laidir, subailt, Fuilteach, sgaiteach, brais ’sa chaonnaig, B-fhearr na triuir ’s a bhatail è. Fear cinnteach, earbsach, eutrom, meamnach, Duineil, dearbhtè, fulangach, Gun mheang, gun chearb, e saothrach, armach, Saighdear a fhuair urram e. Tha Sim Siosal mar bu dual Na shaighdear fearail, smearail, cruaidh, Ris ’s mairg a thachradh an am cruais, Cha b’ann gun bhuaidh a thilleadh è. Le fheileadh cuaich, air dheagh chur suas, Mu chruachain, le chuid criosan air, ’S gur glan a chruth, ’sa dhealbh ’s a shnuadh, ’Se beathail, luath, ro fhileantà.