[TD 1] Ordo Missæ: ’AN LAIDINN ’S ’AN GÀIDHLIG. AGUS ÙRNAIGHEAN EILE. PERMISSU SUPERIORUM. Dunéideann: CLÒBHUAILTE LE LORIMER ’US GILLIES. [TD 2] Memorare. Laghadh thrì chiad latha gach uair a ghabhar i ann an staid nan gràs. Làn-laghadh aon uair ’s a’ mhìos ma ghabhar aon uair ’s an latha i fad na h-ùine sin: anns a’ chùis so tha Faoisid riatanach agus Corp-Chrìosta ri ghlacail, agus ùrnaigh a réir beachd a’ Phàp ri dhianamh ann an eaglais. CUIMHNICH, a Mhoire òigh uile-chaomh, nach cualas riabh gu’n deach aon sa bith a ruith fo d’ dhìon, a ghrìos do chòmhnadh, agus a dh’ iarr d’eadar-ghuidhe, a thréigsinn. Ag glacail misnich’ a’s earbsa á so, tha mise, ’òigh nan òigh, a’ ruith ad ionnsaidh, a Mhàthair, ad ionnsaidh tha mi tighinn, agus ag caoidh mo pheacannan ad làthair. A Mhàthair Iosa, na cuir suarach mo bhriathran, ach éisd gu tròcaireach, agus freagair m’achanaich. Amen. [TD 3] Urnaighean romh ’n Aifrinn. AN ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen. Beannaichte gu’n robh an Trianaid Naomh, agus neodhealaichte, a nis agus gu sìorruith. Amen. A Spioraid Naoimh, thig agus lìon cridheachan do chreideach, agus las annta teine do ghaoil. Amen. Deònaich, a Thighearna, deagh-bheartan a chur na’r cridheachan, agus co-oibreachadh leinn ga ’n cur ’an gnìomh; air chor’s gur h-ann bhuatsa a thig tùs ar n-ùrnaigh ’s ar gnìomhannan gu léir, agus gur h-ann annadsa a theid an crìochnachadh. Tromh Iosa Crìosta ar Tighearna. Amen. Veni Sancte Spiritus. A Spioraid Naoimh, ar n-àrd-threise, Thig bho ghrian-chathair do ghlòir, Sgaoil gach ceò ’tha ga’r cur iomrall, ’S leig soillsein dhe d’ sholus òirnn. [TD 4] Thig, o ’Athair nan dìol-déirce, Do gach féumach sìn do làmh; A làmh bho’n tig gach rogha gibht, Soilleirich gach cridhe dall. A Righ na cofhurtachd ’s an t-sòlais, Bu tu Aoidh an àigh do’n anam; Cha’n fhairich e teas no ganntar, ’S e na d’làimh-sa ’triall gu aineol. ’S tu ’bheireadh furtachd agus tàmh, Do’n phiantach a bhios fo sgìos; A’ mhal’ air an laidh am pràmh, ’S ann agads’ ’tha sòlas di. O, ’Sholuis a’s àillidh snuagh, Na bi ’n dubhar òirnn na’r càs; ’Us ann an crìdh’ do chreideach gaoil, Beothaich teine caomh do ghràidh. Gun do chòmhnadh-sa, ’Dhia thréin, Cha’n ’eil sgoinn ’am mac an duine; Cha’n ’eil ceann gun lochd fo’n ghréin, ’S ann ad mhèinn-sa ’tha sinn uile. Glan-sa dhinn gach uile thruailleachd, Uisgich le d’ghràsan ar tart; Leighis gach anam a tha leòinte, Strìochd na rag-mhuin’laich ri d’ reachd. [TD 5] Taisich neimh a’ chridhe chruaidh, Bi ’d chairt-iùil dhuinn anns gach gàbhadh; ’S do na creidich tha na d’earbsa, Thoir seachd tìodhlaicean do ghràidh. Treòirich na creidich ri ’m beò, ’S na tréig iad an uair am bàis; Sàbhail an anam bho phian, ’S gu’m meal iad do shìth gu bràch. V. Cuir a mach do spiorad, ’s bidh iad air an cruthachadh. R. Agus ath-nuadhaichidh tu aghaidh an talmhainn. Guidheamaid. A Dhia, a theagaisg cridheachan nan creideach le soilleireachadh an Spioraid Naoimh: deònaich dhuinn ’s an Spiorad chiadna, a bhi ’n déigh air beartan matha, agus sìor-thoilinntinn a bhi òirnn na ’chofhurtachd. Tromh Iosa Crìosta ar Tighearna. Amen. Gnìomh Creidimh. Tha sinn ag creidsinn gu daingean gu’m beil aon Dia ann; agus gu’m beil ann an Dia trì pearsaichean, an t-Athair, agus am Mac, agus an Spiorad Naomh. Gu’n do ghabh am Mac an nàdar daonda air giùlan na h-Òighe Moire le cumhachd an Spioraid Naoimh; gu’n d’fhuilig [TD 6] e pàis agus bàs air ar son anns an nàdur dhaonda; gu’n d’éirich e rithist bho’n bhàs; gu’n deach e suas air nèamh; ’s gu’n tig e á sin a rithist a thoirt glòire sìorruith do na daoine diadhaidh, agus péine sìorruith do na daoine mì-dhiadhaidh. A thuilleadh air sin, tha sinn ag creidsinn gach aon nì a tha’n Eaglais naomh Chaitliceach ag cur mu ’r coinnimh a chreidsinn: a chionn gur h-e Dia an fhìor fhìrinn nach urrainn mealladh no ’bhi air a mhealladh, a thaisbein gach fìrinn dhi. Amen. Gnìomh Dòchais. A Dhia, a chionn gu’m beil thu uile-chumhachdach, uile-thròcaireach, agus uile-mhathasach, agus ro-fhìrinneach na d’ ghealladh, tha sinn ’an earbsa gu’n toir thu mathanas dhuinn na’r peacannan as leth toillteanas do Mhic Iosa Crìosta; agus gu’n cuidich thu sinn le d’ ghràsan gu leantainn air gnìomhannan math a dhianamh, leis an coisinn sinn a’ bheatha shìorruith a tha thu ’gealltainn duinn anns na flaitheas. Amen. Gnìomh Gràidh. A Dhia, bho’n a tha thu uile-mhath annad fhéin agus uile-mhathasach dhuinne, tha sinn a’ toirt gaoil dhut thair gach nì le’r n-uile chridhe, le’r n-uile anam, le’r n-uile inntinn, agus le’r n-uile neart; agus air son do ghaoil-sa, tha sinn deònach [TD 7] dealachadh ris a h-uile ni a roghainn air thusa chall leis a’ pheacadh. Agus as do leth-sa tha sinn a’ toirt gaoil dh’ar coimhearsnach mar dhuinn fhein, agus mathanais bho’r cridhe dh’ar naimhdean. Amen. Gnìomh Aithreachais. A Dhia, dh’am beil sinn a’ toirt gaoil os cionn gach nì, tha sinn duilich bho ghrùnnd ar cridhe gu’n do chuir sinn mìothlachd riabh ort le’r peacannam; agus le còmhnadh do ghràs, tha sinn ag cur romhainn á so suas gu’n seachainn sinn gu ro-chùramach a h-uile peacadh agus a h-uile ceann-aobhair peacaidh. Amen. Urnaigh. O Thighearna nèamh agus talmhainn, tha sinn an diugh a’ tighinn ’ad làthair a thairgse suas dhut ìobairt Chuirp agus Fhala do Mhic ar Slànair, mar ionann ris an ìobairt a thairg esan air a’ chrois: An toiseach, Gu miadachadh urraim agus glòire do d’ainm naomh—mar ìobairt-aoraidh nach fhaodar a thairgse ach dhutsa na d’ònrachd. ’S an dara h-àite, Mar ìobairt-bhuidheachais air son gach uile mhathais a thaobh anma agus cuirp a bhuilich thu òirnne ’s air an atharrach anns an ùine ’chaidh seachad. ’S an treas àite, Mar ìobairt-ìocaidh air son [TD 8] mathanais ar n-uile pheacannan, air am beil a nise gràin againn le’r n-uile chridhe, ’s sinn ag cur romhainn le rùn làidir, nach bi sinn gu bràch tuille coireach annta. ’S a’ cheathramh àite, Mar ìobairt-achanaich air son gràsan dhuinn fhein agus do gach neach a réir am féum agus an uireasbhuidh. Tha sinn ag achanaich ort, o ’Thighearna, tromh luaidheachd Fuil do Mhic, gu’n deònaicheadh tu d’Eaglais naomh Chaitliceach a lìonsgaradh anns gach cèarna de’n t-saoghal, ’s iadsan a th’ ann an dorchadas a thaobh creidimh a thoirt gu slighe na fìrinne, los gu’n tig gach uile neach a stigh do’n aon Chrò fo’n aon Bhuachaille. Deònaich do Cheannard na h-Eaglais, dh’ar n-easbuigean ’s dh’ar pearsaichean-eaglais, comaradh do Spioraid Naoimh, gu ’bhi na’n iùil ’s na’n solus do na creidich, agus dìchiollach a’ sealltainn thairis air an tréud a tha’n earbsa riutha. Thoir neart agus gliocas do gach uachdaran saoghalta, gu h-àraid do’n Bhànruinn, gus iad fhéin a ghiùlan gu math an t-sluaigh a tha fo’n cùram. Deònaich gràsan an fhìor aithreachais do’n pheacach thruagh, agus rùn làidir gun bhristeadh dhaibhsan a tha ceart. Fuadaich bhuainn plàigh, gorta, cogadh, ’s gach breitheanas eile a tha ar peacannan a’ toilltinn. Seall a nuas na d’ iochd le caoimhneas air gach neach a th’ ann an éiginn air muir no air tìr, no air leaba na h-easlainte, (gu sònraichte air, A.) Beannaich, a [TD 9] Thighearna, ar pàrantan, ar caomh-chuideachda, agus luchd-ar-leasachaidh. Beannaich gach neach air an d’rinn sinn éucoir, no dh’an d’thug sinn aobhar-peacaidh le’r droch-ghiùlan. Beannaich ar nàimhdean agus iadsan uile a tha e mar fhiachan òirnn guidhe air an son. Tha sinn ag achanaich ort gu’n dianadh tu iochd ’us bàigh ri anmannan nam marbh-chreideach a dh’fhaodadh a bhi fhathast ’an àite-diachainn ga’n uidheamachadh air son glòire fhlathanais. (Agus an duigh tha mi’n earbsa gu’n cuimhnich sibh A. a dh’éug....) Gu’n deònaicheadh tu an tìm a ghiorrachadh, agus an toirt á àite-dòruinne do ghlòir fhlathanais. Agus bho’n a dh’òrduich Iosa Crìosta gu’n dianamaid an dìomhrachd àghor so a chumail ’an cleachdadh air a shon, tha sinn a’ tairgse na h-Aifrinn so mar chuimhneachan-taingealachd air ’fhulangas agus air a bhàs—air ’aiseirigh ghlòrmhoir bho’n uaigh agus a dhol suas le mòralachd do nèamh. Agus gu so a bhi na’s taitniche leatsa, tha sinn ga ’tairgse tromh Iosa do Mhac ionmhuinn, ar Tighearna agus ar Slànair; agus ann an ainm na Trianaide Beannaichte, an t-Athair, agus am Mac, agus an Spiorad Naomh. Amen. [TD 10] ANIMA CHRISTI. Anma Chrìosta, naomhaich mi. A Chuirp Chrìosta, sàbhail mi. ’Fhuil Chrìosta, sàthaich mi. ’Uisge thaoibh Chrìosta, glan mi. A Phàis Chrìosta, neartaich mi. ’Iosa mhath, gu gràsor éisd rium. Ann ad lotan falaich mi. Na fuilig mo sgaradh bhuat. Bho ’n nàmhaid aingidh teasraig mi. Aig uair mo bhàis gairm mi. Agus òrdaich mi ’thighinn ’ad ionnsaidh. Gu ’bhi maille ri d’ Naoimh a’ toirt cliù dhut Fad shaoghal nan saoghal. Amen. URNAIGH AN OSTAIL ANNDRA. THA sinn gu h-ùmhlaidh ag guidhe air do Mhòrachd, a Thighearna, an t-Ostal Beannaichte Anndra, amhuil ’s mar a bha e na ’shearmonaiche ’s na ’bhuachaille na d’ Eaglais, mar sin gu’m bi e ’g eadarghuidhe daonnan riutsa air ar son. Tromh, &c. URNAIGH BAN-NAOMH MAIRGHREAD. A DHIA, a rinn Ban-naomh Mairghread, Bànruinn na h-Alba, ro-iomraiteach a thaobh a mòr-iochd do na bochdan; deònaich, as leth a h-eadarghuidhe agus a samhlaidh, do ghaol a bhi ’sìor-mhiadachadh na’r cridheachan. Tromh, &c. URNAIGH AIR SON A’ PHÀPA. A DHIA, a Bhuachaille ’s a Riaghladair nan creideach uile, seall gu tròcaireach ri d’ sheirbhiseach am Pàp, A. a dheònaich thu ’shuidheachadh na ’Bhuachaille air d’ Eaglais: tiùraich dha, tha sinn ag guidhe ort, a bhi maraon le ’fhacal ’s le ’dheagh-shamhladh, gu stàth dhaibhsan a tha fo ’chùram; agus gu’m buannaichd e fhèin maille ris an tréud a tha’n earbsa ris, a’ bheatha shìorruith. Tromh, &c. [TD 11] Ordo Missæ AIG CRATHADH AN UISGE-CHOISRIG. ASPERGES. i. Bho Dhònach na Trianaid gu Dònach Shlat-Pailm. [Laideann] UISGICHIDH tu mi le hìsop, a Thighearna, agus bithidh mi air mo ghlanadh; nighidh tu mi agus bithidh mi na’s gile na’n sneachd. Sm. Dian tròcair orm, a Dhia, a réir do mhòr thròcaire. Glòir do’n Athair, agus do’n Mhac, agus do’n Spiorad Naomh. Mar a bhà, agus mar a thà, agus mar a bhitheas; fad shaoghal nan saoghal. Amen. Nighidh tu mi, &c. ii. Bho Chàisg gu Caingis. VIDI AQUAM. [Laideann] CHUNNAIC mi uisge a’ sruthadh bho thaobh deas an tèampaill, Alleluia; agus iad-san uile gus an d’thàinig an t-uisge so, bha iad sàbhailte, agus their iad, Alleluia. [TD 12] [Laideann] Sm. Molaibh an Tighearna, oir tha e math; oir tha a thròcair a’ mairsinn gu sìorruith. Glòir do’n Athair, &c. An uair a thilleas an sagart thun na h-altrach. [Laideann] Fiach dhuinn, a Thighearna, do thròcair. Agus deònaich dhuinn do shlàinte. A Thighearna, éisd ri m’ ùrnaigh. Agus gu d’ionnsuidh thigeadh m’achanaich. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. Agus ri d’spiorad-sa. Guidheamaid. Eisd ruinn, a Thighearna naoimh, ’Athair uile-chumhachdaich, a Dhia shìorruith: agus deònaich d’aingeal naomh a chur a nuas as na flaithis a ghleidheadh, a dh-eiridneachadh, a theasraiginn, a shealltainn, agus a dhìon gach neach a tha ’s an làthair ’s an tigh so. Tromh Chrìosta ar Tighearna. Amen. [TD 13] Ordo Missæ URNAIGHEAN NA H-AIFRINN. An uair a tha’n sagart a’ tòiseachadh air an Aifrinn. [Laideann] AN ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen. S. Theid mi stigh gu altair Dhé. C. Gu Dia a tha ’dianamh m’ òige subhach. xlii. Salm. [Laideann] S. THOIR-SA breth orm, a Dhia, agus eadar-dhealaich mo chùis bho’n chinneadh nach naomh; bho’n duine éucorach agus chealgach teasraig mi. C. Oir is tus’, a Dhia, mo neart, carson a chuir thu bhuat mi? Agus carson is dubhach mo thriall, ’s mo nàmhaid ga m’ chlaoidh? S. Cuir a nuas do sholus agus d’fhìrinn; threòirich iad mi, agus thug iad mi gu d’bheinn naoimh, agus a stigh do d’phàillinnean. C. Agus theid mi stigh gu altair Dhé; gu Dia a tha a’ dianamh m’ òige subhach. [TD 14] S. Bheir mi moladh dhut air a’ chlàrsaich, a Dhia, mo Dhia; ciod uime a tha thu dubhach, m’ anam? agus carson a tha thu ag cur bruaidlein orm? C. Cuir d’earbsa ann an Dia, oir fhathast bheir mi moladh dha: slàinte mo ghnùise, agus mo Dhia. S. Glòir do’n Athair, agus do’n Mhac, agus do’n Spiorad Naomh. C. Mar a bhà, ’s mar a thà, ’s mar a bhitheas, fad shaoghal nan saoghal. Amen. S. Theid mi stigh gu altair Dhé. C. Gu Dia a tha ’dianamh m’ òige subhach. S. Tha ar cobhair ann an ainm an Tighearna. C. A rinn nèamh agus talamh. S. Tha mi ag aideachadh do Dhia, &c. C. Gu’n dianadh Dia uile-chumhachdach tròcair ort, gu’m mathadh e dhut do pheacannan, agus gu’n stiùireadh e thu gu beatha shìorruith. S. Amen. C. Tha mi ag aideachadh do Dhia uile-chumhachdach, do naomh Mhoire ’bha riabh [TD 15] [Laideann] na ’h-Oigh, do Naomh Mìcheil an t-Ard-Aingeal, do Naomh Eòin Baiste, do na naomh Ostail Peadar agus Pòl, do na Naoimh uile, agus dhuibhse, ’Athair, gu’n do pheacaich mi gu trom le m’ smaointean, le m’ bhriathran, ’s le m’ ghnìomhannan, le m’ choire fhein, le m’ choire fhein, le m’ mhòr choire fhein. Air an aobhar sin tha mi ’guidhe air naomh Mhoire ’bha riabh na ’h-Oigh, air Naomh Mìcheil an t-Ard-Aingeal, air Naomh Eòin Baiste, air na naomh Ostail Peadar agus Pòl, air na Naoimh uile, agus oirbhse, ’Athair, ùrnaigh a dhianamh ris an Tighearna, ar Dia air mo shon. S. Gu’n dianadh Dia uile-chumhachdach tròcair oirbh, gu’m mathadh e dhuibh ur peacannan, agus gu’n stiùireadh e sibh gu beatha shìorruith. C. Amen. S. Gu’n dianadh Dia uile-chumhachdach agus tròcaireach mathanas, fuasgladh, agus saorsa, a thoirt dhuinn na ’r n-uile pheacannan. C. Amen. S. A Dhia, tionndaidhidh tu ruinn agus beothaichidh tu sinn. [TD 16] [Laideann] C. Agus ni do shluagh subhachas annad. S. Fiach dhuinn, a Thighearna, do thròcair. C. Agus deònaich dhuinn do shlàinte. S. A Thighearna, éisd ri m’ ùrnaigh. C. Agus gu d’ ionnsaidh thigeadh m’ achanaich. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. An uair a tha’n sagart a’ dìreadh thun na h-altrach. [Laideann] GUIDHEAMAID. BUIN dhinn ar ciontan, a Thighearna, tha sinn ag guidhe ort, los gu’n toill sinn dol a stigh le cridhe glan do’n ionad-naomh. Tromh Chrìosta ar Tighearna. Amen. An uair a tha’n sagart a’ pògadh na h-altrach. [Laideann] THA sinn ag guidhe ort, a Thighearna, tromh thoillteanas do Naomh leis an leis na tàibhsealan a tha’n so, agus nan Naomh uile, gu’n deònaicheadh tu m’ uile pheacannan a mhathadh dhomh. AN T-INTROITUS. [Laideann] BEANNAICHTE gu’n robh an Trianaid naomh agus an Aonachd neodhealaichte: [TD 17] [Laideann] bheir sinn glòir dha, oir rinn e tròcair oirnn. Sm. A Thighearna, ar Tighearna, nach àghor d’ainm air an talamh uile! Glòir do’n Athair, &c. AIG KYRIE ELEISON. [Laideann] S. A Thighearna, dian tròcair oirnn. C. A Thighearna, dian tròcair oirnn. S. A Thighearna, dian tròcair oirnn. C. A Chrìosta, dian tròcair oirnn. S. A Chrìosta, dian tròcair oirnn. C. A Chrìosta, dian tròcair oirnn. S. A Thighearna, dian tròcair oirnn. C. A Thighearna, dian tròcair oirnn. S. A Thighearna, dian tròcair oirnn. GLORIA IN EXCELSIS. [Laideann] GLÒIR do Dhia anns na h-àrdaibh, agus air talamh sìth do luchd na deagh thoile. Tha sinn a’ toirt molaidh dhut, tha sinn a’ toirt beannachaidh dhut, tha sinn a’ toirt aoraidh dhut, tha sinn a’ toirt glòire dhut. [TD 18] [Laideann] Tha sinn a’ toirt buidheachais dhut air son do mhòr ghlòire. A Thighearna Dia, a Righ Nèamh, a Dhia an t-Athair uile-chumhachdach. A Thighearna, ’Aonghin Mhic, Iosa Crìosta: a Thighearna Dia, Uan Dhé, Mac an Athar. Thusa a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail dian tròcair oirnn. Thusa a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail gabh ri ’r n-ùrnaighean. Thusa a tha na d’shuidhe air deas-làimh an Athar, dian tròcair oirnn. Oir is tusa ’mhàin a tha naomh; is tusa ’mhàin a ’s Tighearna; is tusa ’mhàin a ’s àirde, Iosa Chriosta, maille ris an Spiorad Naomh, ann an glòir Dhé an t-Athair. Amen. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. Guidheamaid. A DHIA uile-chumhachdaich shìorruith, a thiùraich do d’sheirbhisich, ann an aidmheil an fhìorchreidimh, glòir na Trianaid sìorruith aideachadh, agus ann an cumhachd aoradh a thoirt do aonachd na mòrachd; deònaich le bunailteas daingeann ’s a’ chreideamh chiadna, gu’m bi sinn tiarainnte daonnan bho gach [TD 19] [Laideann] truaighe. Tromh Iosa Crìosta, do Mhac, ar Tighearna, Dia a tha beò agus a’ rian maille riutsa ann an aonachd an Spioraid Naoimh: S. Fad shaoghal nan saoghal. C. Amen. AN LITIR (Rom. xi. 33-36).* [Laideann] O DOIMHNE saibhreas gliocas agus eolas De: nach do-thuigsinneach a bhreitheanasan, ’s do-rannsaichte a rathaidean! Oir co dha’m b’aithne beachd an Tighearna? No co b’fhear comhairle dha? No co thug dha an toiseach, us diolar dha? Oir ’sann bhuaith-san, agus troimh-san, agus annsan a tha h-uile ni: dhasan gun robh glòir gu siorruidh. Amen. C. Taing do Dhia. AN GRADUAL. [Laideann] Is beannaichte thusa ’Thighearna, a tha ’gabhail beachd air na h-aigeil, ’s a tha na d’shuidhe air na Cherubim. Is beannaichte thusa, a Thighearna, ann an spéur Nèamh, agus is airidh air cliù gu sìorruith. Alleluia, Alleluia. Is beannaichte thusa, a Thighearna Dia ar n-athraichean, agus is airidh air cliù gu sìorruith. Alleluia. * Faic Clar-innse nan Litrichean agus nan Soisgeul, air slios iii., deireadh an Tiomnaidh Nuaidh. [TD 20] MUNDA COR MEUM. [Laideann] GLAN mo chridhe ’s mo bhilean, a Dhia uile-chumhachdaich, a ghlan bilean Isàia le éibhleig theine: as leth do chaomh thròcaire, deònaich mo ghlanadh air sheòl ’s gur h-urrainn domh do shoisgeul naomh a chur gu h-iomchuidh ’an céill. Tromh Chriosta ar Tighearna. Amen. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. S. Earrann de’n t-Soisgeul naomh (no toiseach an t-Soisgeil naoimh) a réir Naomh … C. Glòir dhutsa, a Thighearna. AN SOISGEUL (Matu xxviii. 18-20). [Laideann] ’S an àm ud: Thuirt Iosa ri ’dheisciobuil: Thugadh dhomhsa a h-uile cumhachd air neamh ’s air talamh. Falbhaibh mata, agus teagaisgibh a h-uile cinneadh, gam baisteadh an ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh; a teagasg dhaibh a h-uile ni a chumail a dh’àithn mise oirbh: agus, seall, tha mise maille ribh h-uile latha gu deireadh an t-saoghail. [TD 21] [Laideann] C. Glòir dhutsa, a Chrìosta. S. Gu’n robh ar peacannan air an dubhadh as le briathran an t-Soisgeil. A’ CHRÉUD. [Laideann] CREIDIM ann an aon Dia, an t-Athair uile-chumhachdach, Cruthadair nèamh agus talmhainn, a h-uile nì faicinneach agus neofhaicinneach. Agus anns an aon Thighearna Iosa Crìosta, Aonghin-Mhic Dhé, agus a rugadh bho’n Athair romh gach linn. Dia de Dhia; Solus de Sholus; fìor Dhia de fhìor Dhia; ginte cha’n ann diante; de’n aon shusbaint ris an Athair, leis an d’rinneadh a h-uile ni. A thàinig a nuas as na flaithis air ar son-ne daoine, agus gus ar sàbhaladh; agus ghabh e feòil leis an Spiorad Naomh de’n Oigh Moire: *AGUS RINNEADH NA ’DHUINE E. Chéusadh e cuideachd air ar son, dh’fhuilig e fo Phontius Pilat, agus thìodhlaiceadh e. Agus dh’éirich e rithist a réir nan sgriobtur; agus chaidh e suas do nèamh: tha e na ’shuidhe air deas- * Aig na briathran so lùb air do leth-ghlùn. [TD 22] [Laideann] làimh an Athar: agus thig e a rithist a thoirt breth air bheòtha ’s air mhairbh: air a rìgheachd cha bhi crìoch. Agus anns an Spiorad Naomh, Tighearna agus Tobhartair na beatha, a tha a’ tighinn bho’n Athair agus bho’n Mhac. A thathas ag aoradh agus ag co-ghlòrachadh maille ris an Athair agus ris a’ Mhac; a labhair leis na Fàidhean. Agus anns an aon Eaglais naoimh Chaitlicich agus Ostalaich. Tha mi ag aidmheil aon bhaistidh gu mathanas pheacannan. Agus tha mo dhùil ri aiseirigh nam marbh, agus ri beatha an t-saoghail a tha ri tighinn. Amen. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. AN T-OFFERTORIUM. [Laideann] BEANNAICHTE gu’n robh Dia an t-Athair, agus Aonghin-Mhic Dhé, agus maraon an Spiorad Naomh; oir dh’fhiach e a thròcair dhuinn. AIG TAIRGSE AN ARAIN. [Laideann] ATHAIR naoimh, a Dhia uile-chumhachdaich, shìorruith, gabh an tobhartas [TD 23] [Laideann] fìorghlan so, a tha mise do sheirbhiseach neo-airidh a’ tairgsinn dhut, mo Dhia beò agus fìor, ann an éirig mo pheacannan, mo chiontan, agus mo dhearmad gun àirimh, agus air son gach neach ’s an làthair, ’s maraon air son nan creideach uile, beò agus marbh, los e ’bhi stàthor dhòmhsa agus dhaibhsan a thaobh sàbhalaidh gu beatha shìorruith. Amen. AIG CUR AN FHÌONA AGUS AN UISGE ANNS A’ CHAILIS. [Laideann] A DHIA, a dhealbh gu h-àghor inbhe na daondachd, agus a dh’ath-nuadhaich na b’àghoir’ e, deònaich dhuinne as leth dìomhrachd an Uisge agus an Fhìona so, a bhi na ’r co-phàirtichean de a dhiadhachd-san a thiùraich a bhi na ’cho-pàirtiche de ’r daondachd-ne, do Mhac-san Iosa Crìosta ar Tighearna; Dia, a tha beò ’s a’ rian maille riutsa ann an aonachd an Spioraid Naoimh, fad shaoghal nan saoghal. Amen. AIG TAIRGSINN NA CAILISE. [Laideann] THA sinn a’ tairgsinn dhut, a Thighearna, cailis an t-sàbhalaidh, ag guidhe air do thròcair, gu’n éirich i suas le fàileadh cùbhraidh [TD 24] [Laideann] ’an làthair do Mhòrachd diadhaidh air son ar sàbhalaidh fhein agus an t-saoghail uile. Amen. ANN an spiorad na h-irisleachd, agus le cridhe brùite, deònaich gabhail ruinn, a Thighearna: agus gu’m bi ar n-ìobairt an diugh diante na d’làthair air dhòigh a ni taitneach dhut i, a Thighearna Dia. THIG-SA, a Naomhaichear, a nuas, a Dhia uile-chumhachdaich, shìorruith, agus beannaich an ìobairt so a th’ air a h-ullachadh ann an onair d’ainme. xxv. Salm.—Lavabo. [Laideann] NIGHIDH mi mo lamhan am measg nan neochiontach, agus iadhaidh mi mu d’altair, a Thighearna: Los gu’n cluinn mi fonn cliù, ’s gu’n cuir mi ’n céill d’uile bheartan iongantach. A Thighearna, ghràdhaich mi maise do thighe, agus ionad-còmhnaidh do ghlòire. Na cuir as do m’ anam, a Dhia, maille ri luchd-na-mollachd, no do m’ bheatha maille ri luchd-na-fala. Tha lochdan na ’n lamhan: tha an làmh dheas làn de dhuaisean-foille. [TD 25] [Laideann] Ach mise ghluais mi am neochiontas: saor mi, agus dian tròcair orm. Sheas mo chas air an t-slighe dhìrich: anns na h-eaglaisean beannaichidh mi thu, a Thighearna. Gloir do’n Athair, &c. An uair a tha’n sagart ga ’chromadh fhein aig meadhon na h-altrach. [Laideann] GABH, a Thrianaid naomh, an ìobairt a tha sinn a’ tairgsinn dhut mar chuimhneachan air pàis, air aiseirigh, agus air deasghabhail ar Tighearna Iosa Crìosta; agus ann an onair naomh Mhoire ’bha riabh na ’h-Oigh, Naomh Eoin Baiste, nan naomh Ostal Peadar agus Pòl, agus nan Naomh so, agus nan Naomh uile; gu’n tigeadh i gu onair dhaibhsan agus gu sàbhaladh dhuinne: agus gu’n deònaicheadh iadsan air am beil sinn a’ toirt cuimhne air talamh, eadar-ghuidhe a dhianamh air ar son anns na flaithis. Tromh Chrìosta ciadna ar Tighearna. Amen. S. GUIDHIBH, a bhràithrean, m’ ìobairt ’s ur n-ìobairt-se a bhi taitneach do Dhia an t-Athair uile-chumhachdach. C. Gu’n gabhadh an [TD 26] [Laideann] Tighearna an ìobairt as do lamhan, gu moladh agus glòir dh’a ainm fhein, gu stàth dhuinne, agus dh’a Eaglais naoimh gu h-iomlan. AIG NA SECRETA. [Laideann] NAOMHAICH, guidhimid ort, a Thighearna ar Dia, as leth ar gairm air d’ainm naomh, tobhartas na tairgse so; agus as a leth dian shine fhein na ’r tìodhlaic sìorruith dhutsa. Tromh, &c. AIG AN ROIMHRADH. [Laideann] S. Fad shaoghal nan saoghal. C. Amen. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. S. Togaibh suas ur cridheachan. C. Tha iad ’an togail suas againn ris an Tighearna. S. Thugamaid buidheachas do’n Tighearna ar Dia. C. Is freagrach agus is ceart sin. GU fìrinneach is freagrach agus ceart, réusanta agus slàinteil, gu’n tugamaid anns gach àm agus àite buidheachas dhutsa, a Thighearna naoimh, ’Athair uile-chumhachdaich, a Dhia shìorruith. [TD 27] [Laideann] Thusa maille ri d’Aonghin-Mhic agus ris an Spiorad Naomh, is aon Dia, is aon Tighearna: cha’n ann ’an aonachd aon Phearsa, ach ’an Trianaid de’n aon shusbaint. Oir na tha sinn ag creidsinn mu d’ghlòir-sa, mar a thaisbein thu, sin tha sinn ag creidsinn mu d’ Mhac, sin mu’n Spiorad Naomh, gun mhùthadh-eadardhealachaidh. Air chor ’s ann an aidmheil na fìor dhiadhachd sìorruith, gu’n aorar na Pearsaichean fos leth, agus aonachd anns an t-susbaint, agus ionannachd anns a’ Mhòrachd. A tha na h-Ainglean agus na h-Ardainglean, agus amhuil sin na Cherubim agus na Seraphim a’ moladh, ’s iad gun sgur ag glaodhaich gach latha, le aonghuth, ag ràdh: Is Naomh, Naomh, Naomh, Tighearna Dia nan Sabaoth. Tha nèamh agus talamh làn de d’ghlòir. Hosanna anns na h-àrdaibh. Is beannaichte esan a tha ’tighinn ’an ainm an Tighearna. Hosanna anns na h-àrdaibh. [TD 28] Canon Missæ. [Laideann] AIR an aobhar sin, ’Athair uile-thròcairich, tha sinn gu h-iriseal ag guidhe ’s ag achanaich ort, as leth Iosa Chrìosta do Mhac ar Tighearna, gu’n gabhadh tu le deagh-ghean, agus gu’m beannaicheadh tu na tìodhlaicean so, na tobhartais so, na h-ìobairtean fìorghlan so, a tha sinn ’an tùs a’ tairgsinn suas dhut air son d’Eaglais naoimh Caitlicich: deònaich dhi sìth, dìon, aonachd, agus deagh-rian anns gach cèarna de’n t-saoghal; agus amhuil sin air son do sheirbhisich am Pàp, A. air son ar n-Easbuig, A. ’s air son nam fìorchreideach uile ’s luchd-aidmheil a’ Chreidimh Chaitlicich agus Ostalaich. Aig Cuimhneachadh nam beò. [Laideann] CUIMHNICH, a Thighearna, air do sheirbhisich ’s air do bhanseirbhisich, A. Agus air gach neach ’s an làthair (is eòl dhut an creideamh agus is léir dhut an cràbhadh) air son am beil sinne, no a tha iad fhein, a’ tairgsinn na h-ìobairt-molaidh so [TD 29] [Laideann] dhut, air an son fhéin ’s na bhuineas dhaibh gu h-uile, air son saoradh an anmannan, air son dòchus an sàbhalaidh, agus an tiarainnteachd, agus a tha a’ dìol am bóidean dhutsa an Dia beò agus fior. Ga’r cur fhein ’an co-chomunn ri, ’s a’ toirt cuimhne gu h-urramach ’s a’ chiad àite air Moire ghlòrmhoir a bha riabh na ’h-Oigh, Mathair Dhé agus ar Tighearna Iosa Criosta; ’s an sin air d’ Ostail ’s do Mhartairean beannaichte Peadar agus Pòl, Anndra, Séumas, Eòin, Tómas, Séumas, Philip, Bartholome, Mata, Simon ’s Thàde, Linus, Cletus, Clement, Xystus, Cornelius, Cyprian, Laurinn, Chrysogonus, Eòin agus Pòl, Cosmas agus Damian, agus do Naoimh uile: as leth an toillteanais agus an ùrnaighean, deònaich dhuinn a bhi air ar dìon anns gach nì le còmhnadh do thiarmainn. Tromh Chrìosta ciadna ar Tighearna. Amen. An uair a tha’n sagart ag cumail a lamhan os cionn an tobhartais. [Laideann] AIR an aobhar sin, guidhimid ort, a Thighearna, gabhail gu gràsor ri tobh- [TD 30] [Laideann] artas so ar seirbhis-ne ’s seirbhis do mhuinntreach uile; agus ar làithean a rian ann an sìth; agus òrduchadh sinn a bhi air ar teasraiginn bho dhìteadh sìorruith, ’s a bhi air ar n-àireamh ’an tréud do dhaoine-taghte. Tromh Chrìosta ar Tighearna. Amen. An tobhartas so, a Dhia, guidhimid, gu’n deònaicheadh tu a bheannachadh, a choisrigeadh, a dhaingneachadh, a dhianamh réusanta, ’s taitneach ’s gach dòigh; los gu’n dianar dheth dhuinne Corp agus Fuil do Mhic uile-ionmhuinn ar Tighearna Iosa Chrìosta. Aig a’ Choisrigeadh. [Laideann] Esan an lá mu’n d’ fhuilig e, a ghlac aran na ’lamhan naomh agus urramach, agus a shuilean ’an togail suas ri nèamh, riutsa, a Dhia, ’Athair uile-chumhachdach: A’ toirt taing dhut, bheannaich e, bhrist e, ’s thug e dha dheisciopuil, ag radh: Gabhaibh agus ithibh uile dheth so; OIR SE SO MO CHORPSA. AIR an dóigh chiadna an déigh na suipreach, ag glacadh na cailis àghoir so [TD 31] [Laideann] na ’lamhan naomh agus urramach, cuideachd a’ toirt taing dhutsa, bheannaich e, ’s thug e dh’a dheisciopuil, ag ràdh: Gabhaibh agus olaibh uile dheth so: SI SO CAILIS M’ FHUILSE AN TIOMNAIDH NUAIDH AGUS SHIORRUITH, MISTIRE A’ CHREIDIMH, A DHÒIRTEAR AIR UR SON-SE ’S AIR SON MÒRAIN GU MATHANAS PHEACANNAN. Cho tric ’s a ni sibh so, dianaibh e mar chuimhneachan ormsa. An deaghaidh a’ Choisrigidh. [Laideann] AIR an aobhar sin, a Thighearna, ag cuimhneachadh air pàis bheannaichte Chrìosta chiadna do Mhac ar Tighearna, amhuil ’s air ’aiseirigh á ifrinn, agus air a dheasghabhail ghlòr-mhoir do nèamh tha sinn, do sheirbhisich ’s maraon do shluagh naomh, a’ tairgsinn do d’ mhòrachd dhiadhaidh, de d’ thìodhlaicean ’s de d’ ghibhtean fhéin, Iobairt fìorghlain, Iobairt sìorruith, agus cailis an t-sàbhalaidh mhaireannaich. An uair a tha’n sagart a’ sgaoileadh a lamhan. [Laideann] Gu’m b’e do thoil sealltainn a nuas orra le gnùis [TD 32] [Laideann] ghràsoir agus thròcairich, agus gabhail riutha mar a dheonaich thu gabhail ri tobhartais do sheirbhisich ionraic Abel, agus ri ìobairt ar n-Atharnaoimh Abraham, agus ris an ìobairt a thairg d’ Ardshagart Melchisedech dhut, ìobairt fhìorghlan, tobhartas gun smal. An uair a tha’n sagart ga’chromadh fhéin aig meadhon na h-altrach. [Laideann] Guidhimid gu h-iriseal ort, a Dhia uile-chumhachdaich, gu’n òrduicheadh tu iad so a bhi air an togail suas le lamhan d’ aingil naoimh gu d’ altair ’s na h-àrdaibh, air bialaobh do Mhòrachd diadhaidh, los a lian dinn ’s a ghabhas Corp agus Fuil uilenaomh do Mhic ’an comanachadh so na h-altrach, gu’n lìonar le uile bheannachdan agus ghràsan fhlathanais. Tromh Chriosta ciadna ar Tighearna. Amen. Aig Cuimhneachadh nam marbh-chreideach. [Laideann] CUIMHNICH cuideachd, a Thighearna, air do sheirbhisich agus air do bhan-seirbhisich, A.* a dh’ imich romhainn ’an comharradh a’ chreidimh, agus a tha na ’n cadal ’an suain na sìthe. * Ainmich riut fhéin an fheadhainn a bu mhath leat guidhe air an son. [TD 33] [Laideann] DHAIBH so, a Thighearna, ’s do gach anam a tha ’n tàmh ’an Criosta, guidhimid gu’n deònaicheadh tu ionad faothachaidh, soillse, agus sìthe. Tromh Chrìosta, ciadna ar Tighearna. Amen. AGUS dhuinne na peacaich, do sheirbhisich, a tha ’cur ar dòchuis ’an lìonmhoiread do thròcaire, deònaich gnè chuibhrionn agus co-chomunn maille ri d’ Ostail ’s ri d’ Mhartairean naomh: Eòin, Stephen, Mathias, Barnabas, Ignàtius, Alastair, Marcellinus, Peadar, Felicitas, Perpetua, Agatha, Liùsaidh, Agnes, Cesilia, Anastasia, agus do Naoimh uile: guidhimid ort, cha’n ann mar fhear-meas toillteanais, ach mar thobhartair fial mathanais, ar leigeil a stigh na ’n comunn. Tromh Chrìosta ar Tighearna. Tromh am beil thu, a Thighearna, ag cruthachadh, a’ naomhachadh, a’ beothachadh, a’ beannachadh, agus a’ buileachadh oirnn gach ni math dhiubh so. Troimhe-san, agus maille ris-san, agus annsan, tha dhutsa, a Dhia an t-Athair uile-chumhachdach, ann an aonachd an Spioraid Naoimh, gach onair agus glòir. [TD 34] [Laideann] S. Fad shaoghal nan saoghal. C. Amen. Aig a’ Phaidir. [Laideann] Guidheamaid. AIR ar teagasg le reachdan slàinteil, ’s air ar seòladh le òrduchadh diadhaidh, gabhaidh sinn a dhanadas a ràdh: Ar n-Athair, a tha air nèamh, gu’m bu naomh a bhitheas d’ ainm, gun tigeadh do rìgheachd, gu’n dianar do thoil air talamh mar a thathas ga dianamh air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran lathail: math dhuinn ar fiachan, mar a mhathas sinne do luchd-ar-fiach. Agus na leig ann am buaireadh sinn. C. Ach saor sinn bho ’n olc. S. Amen. SAOR sinn, guidhimid ort, a Thighearna, bho gach olc a bhà, a thà, no a bhitheas: agus as leth eadarghuidhe Moire beannaichte ’s glòrmhoir, Màthair Dhé, a bha riabh na ’h-Oigh; agus d’ Ostal beannaichte Peadar agus Pòl, agus Anndra, agus nan Naomh uile, gu tròcair- [TD 35] [Laideann] each deònaich sìth dhuinn ré ar làithean; los le còmhnadh do thròcaire gu’m bi sinn daonnan saor bho ’n pheacadh, agus tiarainnte bho gach iomguin. Tromh Iosa Crìosta ciadna do Mhac ar Tighearna, Dia, a tha maille riutsa, beò ’s a’ rian, ann an aonachd an Spioraid Naoimh. S. Fad shaoghal nan saoghal. C. Amen. S. Sìth an Tighearna gu’n robh daonnan maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. MEASGADH agus coisrigeadh so Corp agus Fuil an Tighearna Iosa Criosta gu’n robh gu beatha shìorruith dhuinne a tha ga ’ghabhail. Amen. AIG AN AGNUS DEI. [Laideann] ’UAIN Dhé a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, dian tròcair oirnn. ’Uain Dhé a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, dian tròcair oirnn. ’Uain Dhé a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, thoir sìth dhuinn. A THIGHEARNA Iosa Crìosta, a thuirt ri d’ Ostail, [TD 36] [Laideann] Sìth tha mi ’fàgail agaibh, mo shìth tha mi ’toirt dhuibh, na seall air mo pheacannan, ach air creideamh d’Eaglais; agus deònaich dhi an t-sìth agus an aonachd a tha taitneach do d’ thoil; Dia a tha beò ’s a’ rian fad shaoghal nan saoghal. Amen. A Thighearna Iosa Chrìosta, a Mhic an Dé bheò, a thug le d’ bhàs, a réir toil d’ Athar, maille ri co-oibreachadh an Spioraid Naoimh, beatha do’n t-saoghal, saor mise le d’ Chorp agus le d’Fhuil a ’s ro-naomh so, bho m’ uile pheacannan, ’s bho ’n a h-uile truaighe; thoir orm daonnan gu’n dlùthlean mi ri d’ fhàintean: agus na leig leam a chaoidh a bhi air mo sgaradh bhuatsa: Dia a tha, maille ri Dia ciadna an t-Athair agus an Spiorad Naomh, beò ’s a’ rian fad shaoghal nan saoghal. Amen. Na tionndadh do Chorp, a Thighearna Iosa Chrìosta, a tha mise, ge mì-iomchuidh, ag gabhail a dhànadas a ghlacail, gu breitheanas ’us dìteadh dhomh; ach biodh e as leth do thròcair, na ’dhìon agus na ’leigheas domh, air m’ anam ’s air mo choluinn: Thusa, a [TD 37] [Laideann] Dhia, a tha maille ri Dia an t-Athair ann an aonachd an Spioraid Naoimh, beò ’s a’ rian, fad shaoghal nan saoghal. Amen. An uair a tha’n sagart ag glacail na Sàcramaid na ’làimh. [Laideann] GLACAIDH mi aran nam flaitheas agus gairmidh mi air ainm an Tighearna. AIG DOMINE NON SUM DIGNUS. [Laideann] A THIGHEARNA, cha’n fhiach mise gu’n tigeadh tu stigh fo m’ fhàrdaich; ach abair am facal a mhàin, agus bithidh m’ anam sàbhailte. A THIGHEARNA, cha’n fhiach mise gu’n tigeadh tu stigh fo m’fhàrdaich; ach abair am facal a mhàin, agus bithidh m’ anam sàbhailte. A THIGHEARNA, cha’n fhiach mise gu’n tigeadh tu stigh fo m’ fhàrdaich; ach abair am facal a mhàin, agus bithidh m’anam sàbhailte. Ag gabhail na Sàcramaid fo riochd an arain, their an sagart: [Laideann] GU’N gléidh Corp an Tighearna Iosa Crìosta m’ anam gu beatha shìorruith. Amen. CIOD a dhìolas mi do’n Tighearna air son gach ni a bhuilich e orm? Glacaidh [TD 38] [Laideann] mi Cailis an t-sàbhalaidh, agus gairmidh mi air ainm an Tighearna. A’ moladh gairmidh mi air an Tighearna, agus sàbhailear mi bho’m naimhdean. Ag gabhail na Cailise, their e: [Laideann] GU’N gléidh Fuil an Tighearna Iosa Crìosta m’ anam gu beatha shìorruith. Amen. Aig Riarachadh na Sàcramaid. [Laideann] S. Gu’n dianadh an Dia uile-chumhachdach tròcair oirbh, gu’m mathadh e dhuibh ur peacannan, agus gu’n tugadh e sibh gu beatha shìorruith. C. Amen. S. Gu’n tugadh an Dia uile-chumhachdach agus tròcaireach, mathanas, fuasgladh, agus saorsa dhuibh na’r n-uile pheacannan. C. Amen. Seall Uan Dhé, seall, esan a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail. A Thighearna, cha’n fhiach mise, &c. (trì uairean). GU’N gléidh Corp an Tighearna Iosa Crìosta d’ anam gu beatha shìorruith. Amen. [TD 39] Aig Ionnlad na cailise. [Laideann] SIN a ghabh sinn, a Thighearna, le ’r bial, deònaich gu’n gléidh sinn e le cridhe glan; agus bho ’bhi na ’thiodhlaic aimsireil, gu’m bi e dhuinn na ’ìocshlaint shìorruith. Aig Dara-Ionnlad na cailise. [Laideann] DO Chorp a ghabh mi agus d’Fhuil a dh’òl mi, a Thighearna, deònaich gu’n lean ri m’innibh; agus guidhim ort gun smal peacaidh a dh-fhuireach air m’anam-sa, a bheathaicheadh le sàcramaidean cho glan agus cho naomh. A tha beo ’s a’ rian fad shaoghal nan saoghal. Amen. THA sinn a’ beannachadh Dia nèamh, agus bheir sinn moladh dha ’an làthair nan uile bheò; oir rinn e tròcair òirnn. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. Guidheamaid. A Thighearna, ar Dia, deònaich gu’n tig gabhail na sàcramaid so, agus aidmheil na Trianaid naoimhe, sìorruith, maille ri a h-aonachd [TD 40] [Laideann] neodhealaichte, gu ’bhi dhuinne gu sàbhaladh cuirp agus anma. Tromh Iosa Crìosta, do Mhac ar Tighearna, Dia a tha beò ’s a’ rian maille riutsa ann an aonachd an Spioraid Naoimh: S. Fad shaoghal nan saoghal. C. Amen. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. S. Sgaoilibh, tha’n Aifrionn seachad (no Beannaicheamaid an Tighearna.) C. Taing do Dhia. [Ann an Aifrinn air son nam Marbh, theirear.] S. Gu’n robh am fois ann an sìth. C. Amen. An uair a tha’n sagart ga ’chromadh fhéin aig meadhon na h-altrach. [Laideann] A THRIANAID naomh, deònaich do umhailteas mo sheirbhise deagh-ghean fhaotainn ort; agus guidhim ort an ìobairt a thairg mi suas, ge mì-iomchuidh, ’am fianais do Mhòrachd, a bhi taitneach leat, agus as leth do thròcaire, gu’m bi i na ’meadhon-réite dhomh fhein, agus dhaibhsan a thairg mi suas i air an son. Tromh Chrìosta ar Tighearna. Amen. [TD 41] [Laideann] AM BEANNACHD. BEANNACHD Dhé uile-chumhachdaich agaibh—an t-Athair, agus am Mac, agus an Spiorad Naomh. C. Amen. S. Gu’n robh an Tighearna maille ribh. C. Agus ri d’ spiorad-sa. Toiseach an t-Soisgeil a réir N. Eòin. [Laideann] S. Toiseach an t-Soisgeil naoimh a réir Eòin. C. Glòir dhutsa, a Thighearna. SAN toiseach bha am Facal, ’s bha am Facal maille ri Dia, agus b’ e am Facal Dia. Bha e so san toiseach maille ri Dia. Rinneadh a h-uile ni leis: ’s gun e cha d’ rinneadh ni a chaidh a dhianamh. Annsan bha a bheatha, ’s b’i a bheatha solus dhaoine: agus tha an solus a soillseachadh san dorchadas, ’s cha do ghabh an dorchadas ris. Chuireadh duine bho Dhia, dha’m b’ainm Eoin. Thainig e so mar fhianais gu teisteanas a thoirt air an t-solus, los gun creideadh daoine uile troimh-san. Cha b’ e esan an solus, ach bha e gu teisteanas a thoirt air an t-solus. B’ e sin an solus firinneach [TD 42] [Laideann] a tha soilleireachadh a h-uile duine a tha tighinn dh’ ionnsuidh an t-saoghail so. Bha e anns an t-saoghal, ’s rinneadh an saoghal leis, ’s cha b’ aithne do’n t-saoghal e. Thainig e gu chuid fhein, ’s cha do ghabh a mhuinntir fhein ris. Ach a mhiad ’sa ghabh ris, thug e cumhachd dhaibh a bhith ’nan cloinn do Dhia, dhaibhse a tha creidsinn ’na ainm, a rugadh cha n-ann bho fhuil, no bho thoil na feola, no bho thoil duine, ach bho Dhia. US* GHABH AM FACAL FEOIL, us rinn e comhnuidh ’nar measg: us chunnaic sinn a ghloir, mar ghloir aonghin an Athar, lan ghras agus firinn. C. Taing do Dhia. Beannachd na Sacramaid Naoimh. IS e Beannachd na Sàcramaid Naoimh—cràbhadh a tha’n Eaglais ag cleachdadh gu aoradh, moladh, agus glòir, a thoirt do Dhia air son a mhathais agus a ghaoil gun àirimh a dh’fhiach e dhuinn an uair a dh’òrdaich e Sàcramaid Naomh a Chuirp fhéin; agus amhuil sin gu Beannachd ar Slànair fhaotainn. * Aig na briathran so lùb air do leth-ghlun. [TD 43] An uair a bhios an sagart a’ toirt na Sàcramaid ’am follais an t-sluaigh gu aoradh a thoirt di, seinnear an laoidh, “O salutaris Hostia.” [Laideann] Ciad-fàilt, a Shàcramaid nam buadh, A dh’fhosgail dorus nèamh do’n t-sluagh; Tha sinn’ ga ’r claoidh ag cath ri ’r nàmh, Thoir neart dhuinn, furtaich òirnn na ’r càs. Sìor-ghlòir do Dhia na ’Thriar ’s na ’aon, An t-Athair, ’m Mac, ’s an Spiorad Naomh. O, deònaich dhuinn’ a’ bheatha shìor ’An sòlas nèamh fad shaogh’l gun chrìoch. ’An so, ’s tric gu’n seinnear Leadan Moire, no laoidh iomchuidh air an sònraichear; agus ’an sin “Tantum ergo.” Aig “Veneremur cernui,” cromaidh gach aon sìos. [Laideann] ’Shàcramaid, tha sinn le ùmhlachd, ’Toirt dhut aoraidh, cliù, ’us glòir’; Riochd an t-Seann-lagh chuireadh cùl ris, ’S an Lagh-ùr tha’n fhir-bheachd chòrr; Ged nach tuigear le ’r céud-fàthan, Creideamh cha dian fàillinn òirnn. [TD 44] [Laideann] Glòir do’n Athair, ’s glòir do’n Mhac, ’S glòir co-cheart do’n Spiorad Naomh— Cliù ’us aighir, onoir ’s neart, Slàinte ’s beannachadh a chaoidh— Trianaid chumhachdach nam feart, Molamaid mu seach ’s mar aon. Amen. Thug e aran daibh as na flaithis. [Alleluia.] Anns an robh gach rogha blas. [Alleluia.] Guidheamaid. O Dhia, a dh’fhàg againn ’s an t-sàcramaid mhìorailtich so, cuimhneachan air do phàis; tiùraich dhuinn, guidhimid ort, a leithid de urram a thoirt do mhistre naomh do Chuirp agus d’Fhala, ’s gu’m bi sinn daonnan a’ faireachdainn annainn toradh do shaoraidh. A tha beò ’s a’ rian gu saoghal nan saoghal. Amen. An uair a bhios an sagart a’ toirt a’ Bheannachd seachad leis an t-Sàcramaid, cróm thu fhéin sìos, agus thoir aoradh le d’uile chridhe do d’Shlànair anns an t-Sàcramaid. Thoir taing dha air son a mhathais, agus liubhair thu fhéin thairis dha; agus gu dùrachdach iarr air a bheannachd dhut fhéin agus do d’chuideachda, agus do’n Eaglais gu h-iomlan. [TD 45] Crabhadh do Chridhe Naomh Iosa. LE Cridhe Naomh Iosa thathas ag ciallachadh Cridhe ar Slànair air aonadh ris an Daondachd bheannaichte, ’s air an aobhar sin ri Pearsa Dhiadhaidh an Fhacail. Bho’n is e ’n cridhe fuaran gach aigne, tha’n Eaglais a’ moladh a’ chràbhaidh so dhuinn, ’s gur h-e Cridhe Naomh Iosa àros agus ionad-naomh a’ ghaoil sin leis an d’ thug ar Slànair gaol duinn, agus ’n a liubhaire e fhéin air ar son. Uime sin an uair a chuireas sinn suas ar n-achanaich ri Cridhe Naomh Iosa, tha sinn air sheòl ro-shònraichte a’ toirt onoir do’n ghaol sin a bha na ’theine ’s a’ Chridhe Naomh air son mhic an duine. Is e beachd àraid a’ chràbhaidh so dìoladh-fiach a dhianamh ’an éiric gach tarcuis a rinneadh air Cridhe Naomh Iosa an uair a bha e air talamh—tarcuis a thathas fhathast a’ dianamh air anns an t-Sàcramaid Dhiadhaidh—’an Sàcramaid a ghaoil. Ri linn do ’r Slànair an cràbhadh so fhoillseachadh do’n mhaighdinn-chràbhaidh naoimh ud, Màiri Alacoque Urramach, dh’fhiach e a chridhe dhi ’s e air a chuairteachadh le droigheann, crois ann, ’s e air cathair-theine, agus thuirt e: “Faic an cridhe a thug a’ leithid de ghaol do mhac-an-duine ’s nach do chaomhain e nì a dhearbhadh a ghaoil daibh, gu ruig ’us e fhéin a chaitheamh as air an son; ach ’an éiric sin nach fhaigh léiceis bho’n tromlach de’n chinne-dhaonda, ach eas-urram ’us mì-thaingealachd. Is e a tha ga m’ chràdh gu tur cridheachan a th’ air an coisrigeadh dhomh a bhi ga m’ ghiollachd ’s an dòigh.” ’An sin dh’earb e rithe a culaidh-mhathais a dhianamh gu latha-féille a chur air chois ’an onoir a Chridhe Dhiadhaidh air a’ chiad Dhihaoine ’an deaghaidh an Dònaich an taobh-stigh de fhéill Chuirp-Chrìosta; agus sin leis a’ bheachd so: 1. Los Crìostaidhnean a thoirt tainge dha air son an tobhartais àghoir a bhuilich e orra ’an Sàcramaid a Chuirp fhéin. 2. Gu dìoladh-fiach a dhianamh le ’n ùmhlachd agus le ’n aoradh air son na [TD 46] h-eas-onoir agus na tarcuis a tha peacaich a’ toirt da anns an t-Sàcramaid uilenaoimh. 3. Los gu’n tugadh iad dha an onoir a’s dligheach dha, ach a thathas ag cumail bhuaithe ’an iomad eaglais far am beileas a’ toirt cho beag de ghaol, de urram, agus de aoradh dha. Gheall e ionmhas a chridhe a bhuileachadh gu fialaidh, pailt, orrasan a chleachdadh an cràbhadh so, cha’n ann a mhàin air an latha-fhéille, ach air làithean eile an uair a thigeadh iad air choimheadachd air an t-Sàcramaid Dhiadhaidh. Chuireadh Comuinn Cridhe Naomh Iosa air chois anns gach cèarnaidh, agus bhuilich am Pàp ioma laghadh-eaglais orra, a dh’fhaodas gach urra dhiubh a chosnadh air a shon fhéin no air son nam Marbh-chreideach. ’S e na tha mar fhiachan air gach urra de’n chomunn (’an deaghaidh a ghabhail a stigh le sagart fo ùghdarras gu sin a dhianamh) gu’n gabh e uair ’s an latha A’ Phaidir, Fàilte Moire, ’s a’ Chréud, agus an achanaich so: A Chridhe uilenaoimh Iosa thoir orm gaol a thoirt dut na’s mó ’s na’s mó. Leadan Cridhe Uilenaomh Iosa. A Thighearna, dian tròcair òirnn. A Chrìosta, dian tròcair òirnn. A Thighearna, dian tròcair òirnn. A Chrìosta, éisd ruinn. A Chrìosta, gu gràsor éisd ruinn. A Dhia Athair nam Flaitheas, Dian tròcair òirnn. A Dhia Mhic ’Fhir-saoraidh an t-saoghail, Dian tròcair oirnn. A Dhia a Spioraid Naoimh, Dian tròcair oirnn. A Thrianaid naomh aon Dia, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, aonaicht’ ’am pearsa ri Facal Dhé, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, ’Ionaid-Naoimh na Diadhachd, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a Thèampuill na Trianaid naoimhe, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, ’Aibheis a’ ghliocais, Dian tròcair oirnn. [TD 47] A Chridhe Iosa, a Chuain a’ mhathais, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a Chathair na tròcaire, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, ’Ionmhais nach fàilnich a chaoidh, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a fhuair sinn uile dhe d’lànachd, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, ar Sìth ’s ar Réite, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a Shamhuilt nan uile shubhailcean, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, Uileghràdhach, agus airidh air uileghràdh, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, ’Fhuarain fhìoruisge ’sruthadh a mach gu beatha shìorruith, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, anns am beil mór-thlachd an Athar, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, ’Iobairt-réite air son ar peacannan, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a bha dèarlàn cràidh air ar son, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a bha fo dhùbhròn-bàis ’s a’ ghàradh, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a lìonadh le tarcuis, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a leònadh le gaol, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a tholladh le sleagh, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a thràghadh le fuil air a’ chrois, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a bhrisd air son ar peacannan, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a tha fhathast fhéin le daoine mì-thaingeil ga d’ réubadh ’an Sàcramaid uile naomh a’ ghaoil, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a Dhìdinn nam peacach, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a Neart nan anfhann, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a Chobhair nan deòiridh, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a Sheasrachd nan daoine-cearta, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a Shàbhalaidh na feadhnach a tha ’cur an dòchais annad, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a Shàbhalaidh na feadhnach a gheabh bàs annad, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a chaoin Thiarmainn do luchd-aoraidh, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, a Shòlais nan Naomh uile, Dian tròcair oirnn. A Chridhe Iosa, ar Cùl-taice ’s na diachainnean cruaidhe ’tha ’tighinn òirnn. Dian tròcair oirnn. [TD 48] ’Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Dian fathamas ruinn, O Thighearna. ’Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Gu gràsor éisd ruinn, O Thighearna. ’Uain Dhé, a tha ’toirt air falbh peacannan an t-saoghail, Dian tròcair oirnn. V. ’Iosa, a tha ciùin ’us iriseal ’an cridhe. R. Dian mo chridhe-sa a réir do chridhe. Guidheamaid. THA sinn ag achanaich ort, a Dhia uile-chumhachdaich, gu’n deònaicheadh tu dhuinne, a tha ’cur uaille á Cridhe Uilenaomh do Mhic ionmhainn, agus a’ toirt cuimhne air tìodhlaicean àghor a ghràidh dhuinn, subhachas a bhi òirnn, maraon mu’n oibreachadh agus mu’n toradh. As leth ar Tighearna ciadna. Amen. Urnaigh air son na feadhnach a tha’n tarrainn a’ bhais. O IOSA uile-thròcairich, ’Fhir-ghaoil nan anmannan, tha mi ’guidhe ort as leth Spàirn do Chridhe uilenaoimh, agus bròn do Mhàthar gun-smal-peacaidh, gu’n glanadh tu na d’ Fhuil fhéin peacaich an t-saoghail uile a tha ’s an tarrainn agus gu bàsachadh an diugh. Amen. A Chridhe Iosa a dh’fhuilig spàirn a’ bhàis, gabh truas riuthasan a tha ’s an tarrainn.