[C 1] AN T-ÒRANAICHE THE GAELIC SONGSTER [C 2] [Bàn] [C 3] AN T-ÒRANAICHE THE GAELIC SONGSTER COMPILED BY A. SINCLAIR [DA 1] THE GAELIC SONGSTER. AN T-ÒRANAICHE: NO Co-Thional Taghte DO ÒRAIN ÙR AGUS SHEAN, A’ CHUID MHÒR DHIUBH NACH ROBH RIAMH ROIMHE ANN AN CLÒ, LE GILLEASBUIG MAC-NA-CEÀRDADH. “’N uair a sheinneas iad na h-òrain, Cuiridh iad na h eòin an crannaibh; ’N uair a theannas iad ri luinneig, ’S binn’ iad na guileag na h-eala; ’S mòr is binne fuaim nan nìonag Na ceòl pìob air thùs a’ bhannail; Bidh a tùrn an làmh gach té dhiubh, ’S bidh a beul a’ seinn na h-ealaidh.” Glasgow: ARCHIBALD SINCLAIR, 47 WATERLOO STREET. MDCCCLXXIX. [DA 2] [Bàn] [DA 3] THA AN T-ÒRANAICHE AIR A CHUR FO CHÙL-TAICE AN FHÌOR UASAIL GHÀIDHEALAICH IAIN F. CAIMBEUL, ÌLE, MAR CHOMHARRA AIR FHÒGHLUM AINMEIL AIR SEANN CHAINNT NAN GÀIDHEAL, AGUS MAR THAISBEANADH TAINGEALACHD AIR AN T-SUAIRCEAS, AIR A’ MHISNEACHD AGUS AIR A’ CHUIDEACHADH A THA E NOCHDADH A THAOBH UILE CHÙISEAN AR SINNSEAR; LE MEAS AGUS MÒR SPÉIS AN FHIR-THIONAIL, G. MAC-NA-CEÀRDADH. 62 SRÀID EARRAGHÀIDHEIL, GLASCHU, 1879. [DA 4] [Bàn] [DA 5] ROIMH-RADH. THA ’N T-ORANAICHE nis air a chasaibh le lànachd ciùil ’n a chridhe agus le iomadh duanag thaitneach ’n a bheul. ’S e a rùn eòlas a chur air na Gàidheil anns gach àite ’s am bheil iad a’ tuinneachadh tuath is deas, an ear agus an iar, aig an tigh agus o ’n tigh. Air dha bhi d’an bheachd nach cuir a ghnè, a ghiùlan, no uirighioll bruaillean air neach ’sam bith tha e ’n dòchas gu ’n seachainn e gainntir a’ Bhàillidh agus beum-bàis a’ Mhinisteir. Tha e meallta ’n a bharail mur faigh e fàilte agus furan o gach fìor Ghàidheal. Riamh o’n thòisich daoine air an gluasad le anail na bàrdachd air roinn a chur r’a chéile, gheibhear ’n an cainnt bhlasda, bhinn, géireais agus gliocas, fileantachd agus drùidhteachd. ’S i bàrdachd cànain an anma air a bheò-ghluasad troimh dhoimhneachd subhachais no dubhachais—deòir an spioraid bhriste, agua gàire a’ chridhe laiste—cainnt an duine ’n uair a’s géire inntinn, a’s beothaile a chuimhne, a’s fosgailtiche a thuigse, a’s làine a chridhe agus a’s blàithe ’aignidhean. Ann an goimh no ann an gean, ann an gruaim no ann an gràdh, breithneachaidh agus dealbhaidh an t-anam bàrdail, beò-laiste, smuaintean meamnach agus gnìomharan mòralach. Tha e cosmhail ris an iolair rìoghail, bhior-shuilich, an uair a dh’ éireas i suas agus a sgaoileas i a sgiathan mòra air tuilteach gaoithe. Chi sùil a’ bhàird solus is beatha, gràdh is maise anns a’ chruthachadh nàdurra, mhodhannail agus spioradail, agus bheir i fainear nach ’eil anns na buadhaibh faicsinneach so uile ach drillseannan is gathan a tha ’deàrrsadh a mach [DA 6] o ’n Ti sin ’s e Gràdh is Maise. ’S i bàrdachd léigh-spìosraidh nan aosdana a chaidh do ’n eug—beul-seanachais nan seann àbhachdais agus nan deas-ghnathan—carraig ailbhinn air am bheil smuain an cridhe agus gnìomh an làimhe sgrìobhte le peann iarruinn agus le roinn daoimein. Dh’ iarrainn an T-ORANAICHE fhàgail an làmhaibh nan sgrudairean agus nan leughadairean gu bhi faotainn a mach air an son féin, am buin no nach buin, cuid do na cliùthaibh a dh’ ainmich mi dhasan. Tha e ’n ceum no dhà dealaichte o na co-chruinneachaidh a dh’òrain Ghàidhealach a chaidh air thoiseach air. Mar so choisinn e àite dha féin ann an eachdraidh agus ann an litreachas na Gàilig. Gun teagamh dh’fhàgadh againn mar dhìleab leis an duin’-uasal chliù-thoillteanach sin Mr. Iain Mac Coinnich, nach meireann, obair eireachdail agus fhiachail ann an “Sàr Obair nam Bard Gaidhealach.” ’S an dòigh so thog e dha féin carragh-cuimhneachain maireannach. Is iomadh linn ri teachd, cho maith ris an linn so againne, a chuireas clach ’na chàrn. Gabhaidh obair do ’n t-seòrsa so ùine, saothair agus costus. Rinn mise na b’ urrainn domh leis a’ chungaidh a bh’ agam, agus dh’ fhosgaileadh mèin a’s fhiach a rannsachadh agus a h-oibreachadh gu dìchiollach, agus a tha mi an dùil, le cuideachadh chàirdean, a phàidheas dhoibh-san agus dhomh-sa. Tha so uile ’n an làmhaibh-san; oir ma ruitheas an obair so gu maith agus gu ’n toir “Clanna nan Gàidheal ri guaillibh a chéile” di-beatha di, misnichidh agus neartaichidh e mi gu bhi deanamh an ORANAICHE anns a’ h-uile dòigh agus seadh airidh air an àite a fhuair e cheana, agus a tha mi ’n dòchas a gheibh e fathasd, agus a dh’ fheuchas mi ri ’ghleidheadh ann am meas agus ann am measg mo luchd-dùthcha. Feudar a ràdh aig an àm so, gu ’m bheil am measg nan Gàidheal thall agus a bhos ann an Gàilig, mòran do bhàrdachd eile a bu chòir a bhi air a cruinneachadh agus air a cumail air chuimhne. Tha mòran do na h-òrain agus do na laoidhibh Gàilig tuillidh a’s fada. Mar is trice, tha òrain ghoirid cosmhuil ri òraidibh goirid, saor o ath-aithris dhìomhain. Mur bhiodh cho eudmhor ’s a tha ùghdair Ghàilig air son gach ni a dhealbhas agus a sgrìobhas iad fhaicinn clò-bhuailte, dheanadh Deasaiche tùrail, sgileil, fòghluimte, aig am bitheadh eòlas air fìor bhàrdachd agus comh-fhaireachdainn r’ a gnè, le beagan sgrìoban d’ a pheann, iomadh luinneag agus dàn ni ’s réidhe agus ni ’s taitniche. Tha mi an dùil nach cuir faidead duanagan an ORANAICHE [DA 7] aileag air an neach a’s giorra anail. Ged nach d’ thug mi anns a’ cheum so braigh-ghill air na chaidh romham, thug mi an oidheirp air stiùireadh le faicill eadar Rudha-nan-rabhad agus Coire-nan-cuartag. Cò aca, a rinn mi ceart no ceàrr, dh’fheuch mi ris a’ Ghàilig a litreachadh mar a tha i air a fuaimneachadh ann an ceàrnaibh air leth. So puing a tha duilich a laimhseachadh gun ceòlmhoireachd agus co-sheirm cuid do na h-òrain a mhilleadh, oir is duail dùthchais, an t-im ùr a bhi a réir na blàthaich. Ged nach ’eil mise saor o mhearachdaibh clò-bhualaidh, fuaime no litreachaidh, strìth mi ri ar cànain mhàthrail a chur a’n altaibh a chéile cho snas-bhriathrach agus cho nàdurra ’s a b’ urrainn mi; agus ged nach biodh gach ni a réir meidhean-tomhais nan tiolpairean, bu mhaith leam gu ’n cuimhneachadh iad an sean-fhacal—“Saoilidh am fear a bhios ’n a thàmh gur e féin is feàrr làmh air an stiùir.” Dhioghluim mi ann an iomadh achadh. Thionail mi iomadh dias, seagal, eòrna, coirce is cruithneachd a riarachadh nan uile a réir an càil. Shaor mi iomadh gineil bhàrdail o a bhi air an adhlacadh ann an uaigh na di-chuimhne. Shàbhaileadh cuid eile dhiubh a bha air faontragh ann an duilleachain bheaga, shuarach, o bhi ’n am biadh do na leomainn. Tha mic agus nigheanna a’ chiùil lìonmhor am measg nan Gàidheal—sìol Oisein agus na Féinne—sliochd nan sonn. Orra so shéid a’ Cheòlraidh, agus thug anail bhlàth am màthar beò-aiseirigh air am buadhaibh. Phògadh iad le bilibh nam Fonn, ’s dhùisg Teanga nan Rann iad gu seinn. Dh’ òl iad uile a réir an ìota á tobar fìor-uisge na bàrdachd. Theirgeadh ùine orm ann an labhairt umpa fa leth. Chithear mar itean àrda am boineid an ORANAICHE, òrain bhinne, bhàrdail, agus luinneagan grinne, geur-chuiseach le ioma fìor bhàrd. Còmhla riù so, thionaileadh grunnan ro-mhùirneach, làn ciùil agus aigheir, cuid mhòr dhiubh tha mar dhìlleachdain gun phàrantan, ach a shuain sinn gu càirdeil, teò-chridheach ann an cearb do bhreacan an ORANAICHE. Tha mi a’ guidhe gu ’m bi an T-ORANAICHE cosmhuil ri sgoth-long eutrom, thapaidh, loma-làn do raogha is tagha bathair—iùbhrach ghasda, chòmhnard a sheòlas troimh gach caol is camus—a shiùbhlas air gach locha is linne—a thathaicheas air gach ùig is òb—a thaghaileas aig gach port is lamraig, gus, coimh-ionnan ri iadhadh na gréine, an cuir i cuairt thunndach, shoirbheachail, air an t-saoghal [DA 8] Ghàidhleach gu léir. Tha ’n cuan fosgailte—tha bhìrlinn beairtichte a’ feitheamh beannachaidh agus brosnachaidh—tha na ràmhaichean an déigh a h-iomram gu ionad seòlaidh. Feudar a nis a ràdh;— “An sin thàr iad na siùil shìthe, Gu fìor ghasda, Shaor iad na sea-ràimh-dheug’, A steach tro’ bacaibh, Sgathadh grad iad sìos r’ a sliasaid, ’Sheachnadh bhac-bhréid. Dh’ òrduich Clann Raonuill d’ an uaislean, Sàr-sgiobairean cuain a bhi aca, Nach gabhadh eagal ro fhuathas, No gnè thuairgneadh a thachradh.” Ann an aon fhacal, mu dh’eireadh, dh’iarrainn air leughadairean a chuimhneachadh cho duilich ’s a bha e mòran do na dàin so a thionail, an sgrìobhadh agus an clò-bhualadh gu ceart,—gu sònruichte an àireamh mhòr dhiubh nach robh riamh roimhe ann an clò, agus sin le fear a rugadh ’s a thogadh am baile Ghlaschu. Bha e mar an ceudna ro dhuilich breth cheart a thoirt eadar na dòighean anns am bheil an t-aon òran air a sheinn,—mòran rann eugsamhail aig an fhear so nach fhaighteadh aig fear eile; agus a ris cò a rinn cuid diubh. Theireadh aon fhear ’s e Dòmhnull Donn a’ Ghlinne rinn e; fear eile ’s e Ruairidh Bàn nan Cnoc a rinn e. ’N uair bha mi làn chinnteach á ainmean nan ùghdar chuir mi ris na h-òrain iad. Thug cuid do chàirdean còmhnadh agus teagasg mu na nithibh so, agus tha mi a’ toirt taing dhoibh, an duil aig an àm cheudna gu ’n gabh iad mo lethsgeul mur do sgrìobh mi mar bu chòir dhomh a dh’ aideachadh sin roimhe so. Do na h-uile caraid ionmhuinn—agus tha iad lìonmhor—a thug còmhnadh dhomh le òran ’s le luinneig, le ùine ’s le peann, tha mi ag iarraidh a bhi toirt taing dhùrachdaich mo chridhe. G. M. [DA 9] CLAR-INNSIDH. A’ bhean-chomainn, 462 A’ choille-ghruamach, 313 A’ chruinneag Ileach, 479 A’ chuairt-shàmhraidh, 421 A’ Dhòmhnuill bhig, 45 A fhleasgaich an fhuilt chraobhaich, chais, 38 A fhleasgaich dhuinn, 289 A ghruagaich dhonn a’ bhroillich bhàin, 31 A ghlinn ud shios, 407 A ghathan gréin’ a las tre neòil, 70 A hó-ró, mo Mhàiri lurach, 186 A hó-ró, mo nighean donn, 15 A Lilidh ghrinn, 61 A Mhàiri bhinn, 47 A Mhàiri bhòidheach, 378 A Mhàiri ghaoil, 346 A Mhàiri mhiog-shùil, mheall-shuileach, 17 A Mhairearad òg, ’s tu rinn mo leòn, 522 A’ mhaighdean àluinn, 432 A mhaighdean òg nam meal-shùilean, 12 A mhnathan a’ ghlinne so, 484 A mhic Iain, mhic Sheumais, 131 A rùin, ’s a’ ghaoil, na ’m faighinn thu, 11 [DA 10] Ailein duinn, a nì ’s a nàire, 414 Ailein duinn, shiubhlainn leat, 124 Air a’ ghille tha mo rùn, 145 Am bruadar so, am faoin-sgeul e? 273 Am faigh a’ Ghàidhlig bàs? 443 Am maraiche ’s a leannan, 429 Am ministeir ’s am Bàillidh, 143 An ciobair donn, 464 An cluinn thu, leannain, an cluinn thu? 44 An comunn, 418 An Dòmhnullach urramach, 467 An Gàidheal air leaba-bàis, 319 An Gàidheal an tìr chéin, 222 An gille bàn, 452 An gille donn, 297 An gille dubh cha tréig mi, 168 An gleann ’s an robh mi òg, 268 An nighean dubh, 285 An nochd is tric a’ faireach mi, 179 An rìbhinn donn, 457 An té sin air am bheil mi ’n geall, 107 An t-each odhar, 158 An téid thu leam, a rìbhinn lurach? 29 An téid thu leam a Mhàiri? 487 An t-sòbhrach Mhuileach, 206 An t-òigear uallach, 212 An t-eilein Colasach, 402 An t-oighre òg, 463 Banais Mòr Chamaroin, 19 Bàs Màiri, 326 Bàta Phort-Rìgh, 34 Beannachadh leannain, 424 Bheir mi hó air mora hó, 77 Bhi ga ’n cuimhneachadh ’s ga ’n iondrainn, 153 Biodh an deoch so ’n làimh mo rùin, 173 Bithibh aotrom ’s togaibh fonn, 485 Brathainn nan steud, 105 Bruthaichean Ghlinn’-braoin, 459 Buaidh leis na seòid, 1 [DA 11] Cadal cha ’n fhaigh mi, 380 C’ àite bheil i ann am Muile? 25 C’ àite ’n cadail an rìbhinn an nochd? 507 Cailin donn a’ chualain réidh, 518 Casag an éisg, 301 Cath Alma, 388 Cha ’n ’eil feum anns a’ mhulad, 360 Cha ’n òl mi deur tuille, 90 Chluinn mi na h-eòin, 217 Chunna mi na gruagaichean, 278 Chuir iad an t-sùil á Pilot, 150 Ciad fàilt’ air a’ Chomunn, 296 Cogadh no sìth, 290 Comhairle mathar d’ a mac, 386 Còmhradh, Dun-bhrusgraig agus fear-turais, 321 Cruinneag bhòidheach a’ chùil bhuidhe, 81 Cuach Mhic-’Ill-Andrais, 476 Cumha an t-seann Ghàidheil, 172 Cumha bràthar, 303 Cumha Ionar-Ghàiridh, 221 Cumha Mhic-Leòid, 294 Dean cadalan sàmhach a chuilein mo rùin, 517 Deoch-slàinte Chòirneil Gàrdyne, 188 Dh’ fhalbh mo leannan féin, 340 Dh’ fhalbh mo nighean chruinn, donn, 447 ’Dìreadh a mach ri Beinn-Shianta, 404 Dìreadh ’s a’ tèarnadh nam bealaichean, 513 Do bheatha nuas o ’n tìr so shuas, 224 Dòmhnull an dannsair, 109 Duanag a’ chìobair, 239 Dùil ri Baile-Chaolais fhaicinn, 329 Duine bochd air bheagan mhart, 356 Dùthaich nan craobh, 481 Ealag Chamaron, 433 Eilein an Fhraoich, 417 Eilidh bhàn Choire-chnàimh, 275 Eilidh Chamaron, 368 Eireadh na gaisgich threun’, 54 Ester Nic-Nèill, 68 [DA 12] Fàill ill o, agus ho-ro éile, 446 Fàill ill o ro, fàill ill o, 235 Fàill ill o hill ù ill o, 475 Fàilt’ ort féin, a chuthag ghorm, 139 Fàilte Bhraid-Albainn, 343 Fàilte dhuit, a’ s slàinte leat, 201 Fàilte do ’n Eilean Sgiathanach, 218 Fanaidh mo Mhàiri buileach o ’n tì, 258 Fàsachadh na Gàidhealtachd, 471 Feasgar Luain ’s mi muigh air chuairt, 209 Fhir a théid thar a’ mhonaidh, 363 Fhuair mi naigheachd do bhàis, 232 Fhleasgaich ùir, leanainn thu, 283 Fios thun a’ Bhàird, 307 Fleasgach a’ chùil duinn, 461 Fuadach nan Gàidheal, 426 Fuirich a rìbhinn phrìseal, phriseal, 259 Ged a rinn sinn dealach’, 74 Ged a tha mi ’n nochd ’s a’ chòisridh, 141 Ged tha mi gun chrodh gun aighean, 167 Gleann Chill-a’-Mhàrtain, 419 Gleann-da-ruadhail a’ bharraich, 524 Gobha mo chridhe, 349 Gu ’m bu slàn do ’n mhaighdinn, 156 Gu ’m bu slàn do na gillean, 412 Gu ’n togainn fonn gu h-aighearach, 304 Gur bòidheach deàrrsach, 243 Gur e mise tha fo mhì-ghean, 254 Gur mis’ tha fo mhulad, 350 Gur moch rinn mi dùsgadh, 70 Ha u rò mo nigh’nag, 508 Ho ró, cha bhi mi ga d’ chaoidh ni ’s mò, 8 Ho ró, cha ’n ’eil cadal orm, 334 Horó chall éile, 504 Horó, Dòmhnull Ciomaineach, 65 Horó eileinich, ho gu, 52 Horó, ho eileinich, 511 [DA 13] Ho ró, mo nighean donn, bhòidheach, 55 Hùgaibh air nigh’n donn nam meall-shuil, 194 Hù o, tha mi tinn, 249 Iain Mac-Phàil an dròbhair, 33 Ille dhuinn, chaidh thu ’m dhìth, 372 Iorram na h-imrich chuain, 427 Is fada mi ’m ònaran, 394 Is toigh leam a’ Ghàidhealtachd, 181 Latha dhomh ’s mi ’n coill nan dearcag, 509 Leis an Lurgainn a hì, 483 Luinneag, 204 Luinneag Anna Nic-Ealair, 425 Mac òg an Iarla Ruaidh, 175 Màiri bhàn Dhail-an-eas, 252 Màiri òg, 127 Maol Ruainidh Ghlinneachain, 200 Marbhrann do Ghilleasbuig Mac-na Ceàrdadh, 374 Marbhrann do Pheigi Nic-’Illeathain, 443 Marbhrann Forsair Choir’-an-t-sìth, 515 Mi ’m shuidhe ’m ònar, 437 Mo chailin dìleas, donn, 441 Mo ghaol a’ mhaighdean, 37 Mo ghaol air Marcus Lathurna, 23 Mo nigh’n bhòidheach nan rosg mall, 84 Mo nighean donn, 317 Mo nighean dubh, 230 Mo nigh’n mhàlda, 311 Mo roghainn ’s mo rùn a chunna mi ’n dé, 95 Mo rùn air mo leannan, 330 Mo rùn air an òigh, 381 Mo rùn geal, dìleas, 263 Mo thruaigh léir thu, ’ille bhuidhe, 97 Moch ’s a’ mhadainn ’s mi dùsgadh, 102 Moch ’s a’ mhadainn rinn mi gluasad, 354 Moladh Chinntìre, 435 Moladh nan laoch Gàidhealach, 195 Monadh Dhruim-uachdair, 7 [DA 14] Mort Ghlinne-Comhann, 271 Muile nam mòr-bheann, 184 Na brògan dannsaidh, 261 Na Teampullaich Ghàidhealach, 113 Na tulaichean, 117 Nach gòrach mi ga d’ chaoineadh, 170 Nach muladach duine leis féin? 469 Nàile, ’s i mo ghaol-sa ’n rìbhinn, 130 Na ’m bithinn eòlach air gabhail òrain, 336 Na ’m faighinn gille r’a cheannach, 496 Ni mi duan do ’n ghruagaich bhanail, 86 Ni mi ’n duanag so le aoibhneas, 27 Ni mi òran le dùrachd, 51 Nigheanag a’ chùil duinn, 337 Nighean bhàn an Achadh-Luachrach, 5 Nighean donn an t-sùgraidh, 199 Nighean donn nan réidh-shùil, 391 Nis o’n chaidh an sgoth ’n a h-uidheam, 140 ’N raoir chunnaic mi ’m bruadar, 94 O, cha cheil mi, ù, cha cheil mi, 276 O, cha ’n urrainn mi ann, 244 O, gur brònach m’ anam fo sprochd, 251 O! mosglam-se le sunnd a’s càil, 450 O, seinnidh mi mo dhuanag, 49 O, ’s tric mo shùil air an linne, 370 Och horó! ’Ille dhuinn, 456 Och! mar tha mi, ’s mi ’n am ònar, 101 Och! ’s mis’ tha cianail, fàilinneach, 520 Ochòin a Rìgh, gur e mi tha muladach 410 Ochòin, cha taobh tuillidh, 387 Oganaich an òr-fhuilt bhuidhe, 76 Og ùr a’ chùil bhàn-ghil, 490 Olaidh sinn deoch-slàint’ an oighre, 62 Oran a’ Bhaloon, 499 Oran a’ bhuachaille, 493 Oran Chloinn-Ghriogair, 164 Oran dealachaidh, 353 Oran do bhàta, 473 [DA 15] Oran do bhochdaibh na rìoghachd, 111 Oran do Ghlaschu, 393 Oran do Lachlann òg Mac Ionmhuinn, 383 Oran do ’n Nolluig, 364 Oran do Sheònaid Acha-triachadain, 327 Oran do Shìne Woodrow, 423 Oran do Phrionns’ Teàrlach, 331 Oran Fir Airidh-Mhuilinn, 332 Oran molaidh air cliabh, 400 Oran nam fasan, 114 Oran eile do na fasain, 135 Oran suiridh, 361 Rìgh gur mis’ tha fo chràdh dheth, 227 Rìgh, gur mise th’ air mo sgaradh, 57 Ròsan an Leth-bhaile, 399 Rùn nan Ileach, 512 Rùn mo chéile air a cheann, 9 ’S ann aig Port an Tigh-àiridh, 176 ’S ann air feasgar Di-ciadain, 503 ’S beag is mò leam-sa ciod a their iad, 526 ’S cailin thus’ a’s buachaill’ mise, 21 ’S dubh ’choisich mi ’n oidhche, 409 Seann òran seilge, 358 Seinn, och ho ro, seinn, 13 Seinn an duan so, 42 ’S e ’n t-Eilean uain’, Ileach, 67 ’Se fàth mo mhulaid, 246 ’S e luath-bheul na h-igh’nne duibh, 163 Seud nan gleann, 506 ’S fheudar dhomh bhi beò, 448 ’S gann gu ’n dìrich mi chaoidh, 491 ’S gur mise tha tùrsach, 213 ’S i mo leannan an té ùr, 4 ’S i so a’ bhliadhna chuir ás domh, 191 ’S i so deoch-slàint’ a’ Chamaronaich, 83 Slàn gu ’n till na Gàidheil ghasda, 338 Slàn le Gleanndaruail, 286 ’S mi fàgail mo dhùthcha, 405 [DA 16] ’S mòr mo chùram ’s mi g’a stiùireadh, 59 ’S neo shunndach leam m’ aigne, 89 So deoch-slàinte Ghàidheil ghasta, 161 So deoch-slàinte Mhurachaidh òig, 495 So ’n am shìneadh air an t-sliabh, 88 Soraidh slàn do ’n àilleagan, 99 Soraidh leis a’ mhaighdinn, 75 ’S trom mo cheum ’s mi leam fhéin, 397 ’S trom mo ghleus air an stùchd, 324 ’S trom tiamhaidh mo chridhe, 396 ’S uain’ an fhòid f o ’n d’ adhlaic iad, 299 Sud agaibh an deoch a dh’ òlainn, 36 Tàladh Iain Mhùideartaich, 265 Teagasg Rìgh Artair, 465 Thàinig sgeul o thìr nan Gall, 241 Thàinig sgeula mo chruadail, 72 Tha dùrachd mo chridhe dhuit, 472 Tha ghaoth ’n iar cho caithreamach, 120 Tha mi trom ’s duilich leam, 280 Tha m’ inntinn sgìth bhi cuimhneach’, 64 Tha mulad orm, 157 Tha mulad, tha mulad, 92 Tha mo rùn air a’ ghille, 190 Tha mo chion air an ògbhean, 151 Tha mo chridhe trom, trom, 281 Tha na siantan air caochladh, 502 Tha ’n dìl’ air an athar, 347 Tha sgeul ùr air tigh’n do ’n bhaile, 40 Théid i ’s gu ’n téid i leam, 519 Théid mi ga d’ amharc, 352 Thoir mo shoraidh thar sàile, 454 Thug mi gaol do ’n fhear bhàn, 382 Thug mi gaol do ’n t-seòladair, 182 Thug mi greis ann an armailt Dheòrsa, 147 Thug mi mo cheist dhuit mar chéile, 148 Thug mi ’n oidhche ’n raoir sunndach, 79 Thug mi rùn, ’s chuir mi ùigh, 366 Togaibh a’ bhratach, 237 Toirt m’ aghaidh ri Diùra, 293 [TD 1] COMHCHRUINNEACHADH. DE DH-ORAIN GHAIDHEALACH. BUAIDH LEIS NA SEOID. Le ALASDAIR MACGRIOGAIR, Maighstir-Sgoil an Dul, Apuinn a’ Mheinnearaich. Faigheadh cliù o gach rann-fhear, gu ceòlmhor ’s gu binn, An Dubh-Fhreiceadan Gàidhealach a dh’ àraich na glinn— Cuimir, fuasgailteach, fìnealta, slàinteil ’s a’ chom, Fearail, ceannsgalach, cruadalach, treum, agus trom. ’S gu robh buaidh leis na seòid ghuineach, gharg agus bheò; Chaidh do bhuillsgein nam Frangach, mar ghaoith ’dol ’s a cheò; A’s nach d’ fheuch fathast cùl do neach riamh nach robh leò, Oir cha strìochd sliochd nan garbh-chrioch, a’s annta an deò! ’S gu robh buaidh leis na seòid. ’S math thig breacan-an-fhéilidh gu léir do na suinn— Osain gheàrr air an calpannaibh dòmhail, geal, cruinn; A’s iteagan dorch’ air slios gorm-uidheam cheann, Sud i éideadh nam blàr, ’s cha bi ’n té fhada, theann. ’S gu robh buaidh, &c. ’S ceart a labhras iad canain na h-Alba o chian, Mar a bha i aig Fionn a’s aig Oisian gu dian; Cha do ghluais chum na tuasaid, ’s a chaoidh iad cha ghluais, Gun am bolg-fheadain mheur-thollach, fhuaimneach ’n an cluais. ’S gu robh buaidh, &c. [TD 2] Cha tearc gàbhadh a’s àit ás an d’ thàinig le buaidh Gaisgich chalma na còmhraig, ’s nan dlùth-bhuillean cruaidh; Roimh gach diomhanas, sògh, aighear, ’s aoibhneas a thagh, A bhi ’dionadh an saorsa, an duthcha, ’s an lagh’! ’S gu robh buaidh, &c. ’S iomadh deuchainn a fhuair na fir àrdanach, bhras, Bho ’n nach géilleadh dhiubh làmh, ’so ’n nach tionndaidh dhiubh cas, Bho ’n nach fheudadh gu’n caochaileadh an dualchas n’an cleachd, Leis an d’ fhàgadh gun sàmhladh an sinnsir ’s a’ ghleachd. ’S gu robh buaidh, &c. Mar a bhlàth-mhadainn shàmhraidh, iad ciùin ann an sìth, Ach mar gheamhradh nam beann aca, searbh ann an strìth; Sgaiteach, gruamach, a’ luaithreadh nan nàimhdean le feirg, ’G an cas-ruagadh ’s ’g an sguabadh á araicibh dearg! ’S gu robh buaidh, &c. Cha ’n ’eil ùine ni ’s mò a’ ruith dhasan nach géill; Bidh, mar dhearbhadh, corp marbh, gu ’m bu ghann e de chéill; Seachnadh ’n tì leis nach feàrr guin an éig, na bhi slàn, Casadh riusan a suas, ’tha cho millteach a’s dàn! ’S gu robh buaidh, &c. Mar is gairge an nàmh, mar is cruaidhe an cath, ’S ann is àirde ’n sin inntinn luchd-thrusgan nan dath; Tha ’s an dòruinn a’ fàs anam mòr dhoibh air fad, Leis an reub, leis an mill, ’s leis an claoidh iad gun stad. ’S gu robh buaidh, &c. ’S i so’n fhìrinn gu dearbh, air gach seòl agus dòigh, ’S ga co’-dhaingneach’ gu dìlinn, bidh là Fontenoi; Sud an là a thug ainm dhoibh air tùs anns an fheachd, Bha an arm uile-dhìleas do ’n Righ ’s do gach reachd. ’S gu robh buaidh, &c. [TD 3] Och! chaidh ’n sàruch’ ’s an leònadh; bha ’n ceud charraid teth, Oir aig Ticonderoga, gu’n chaill iad an leth; Na sheas, bhuadhnaich le còmhnadh na dh’ aom gu ro ghrinn; Rinn a’ chomhstrith ud Rioghail iad, ’nuas feadh gach linn! ’S gu robh buaidh, &c. Rinneadh gniomhara leò anns gach tìr chum an deach’, Bhios ’n an ioghna, ’s nam miorbhuil’, gu bràth do gach neach; Cha leig air dearmad an saoghal, an treuntas gu sìor, ’M feadh bhios spéis agus mòr-mheas do shaighdaireachd fhìor! ’S gu robh buaidh, &c. Ach co cheòlraidh no ’n teangair is òirdheirce th’ ann. ’S urrainn innseadh mar ’bhuadhaich ’s an Eiphit a’ chlann! Luaidh neo-ghann, gathan-lann, sleaghan-chrann, chaidh gu luath, ’M fir do-cheannsach’ do chàch, o na h-àrmuinn o Thuath! ’S gu robh buaidh, &c. As na gàirdeanaibh lùth-chleasach, féitheach, ghrad leum, Goimh a’s bàs a chuir mìltean o chainnt a’s o fheum! Ghabh na laoghaich ’s an àm mireadh ’n-searbh-chath a’s conn, ’Dol troimh dhùintean a’s àr-chlosach nàimhdean le fonn! ’S gu robh buaidh, &c. ’S glan a dh’ éirich am buaireas air còmhlan an àigh, Oir le léir-sgrios chaidh Frangaich a bhualadh gun bhàigh! Thuit gach aon air an làr dhiubh, ’n a shéimh-chadal buan, ’S thug na Gàidh’l leò an sròl aca nall thar a’ chuan! Mar so buaidh leis na seòid ghuineach, gharg agus bheò, ’Theid do bhuillsgein nam Frangach, mar ghaoith ’dol ’s a’ cheò; ’S nior fheuch iad an cùlthaobh do ’n dream nach bi leò, O, nior strìochd iad gu sìorruidh, a’s annta an deò! ’S gu robh buaidh leis na seòid. [TD 4] ’S I MO LEANNAN AN TE UR. ’S i mo leannan an té ùr, ’S guirme sùil ’s is caoile mala, Té gu math gu ’n tig an gùn, Dh’ fhàg i m’ inntinn tùrsach. ’S ged nach ’eil mi pailt’ de stòr, Dheanainn seòl, a ghaoil, air d’ aran; Mharbhainn breac air linne lòin, ’S damh na cròic ’s a’ bhùiridh. ’S i mo leannan, etc. Tha mo chridhe tùrsach, tròm, M’ inntinn cha tog fonn ri ealain, Tha lionn-dubh orm fo thuinn, Mo nighean donn an t-sùgraidh. ’S i mo leannan, etc. Tha do chneas mar shneachd air lòn, Muineal rò-gheal mar an canach; Cas is deise ’théid am bròig, Nach dean feòirnein ’lubadh. ’S i mo leannan, etc. Tha do ghruaidhean mar an ròs, Beul is bòidhche shèideas anail, Mala chaol mar ite an eòin, Ruisg is bòidhche ’dhuineas. ’S i mo leannan, etc. Ged a bhithinn feadh nam beann, Fad na h-oidhch’ gun tigh’nn gu baile, [TD 5] ’S i mo choire fhéin bhiodh ann, ’S mi gun bhann, gun chùmhnant. ’S i mo leannan, etc. Saoilidh mi n’ uair thig an oidhch’, Gu’m bi caoimhneas dhomh ’s a’ chadal, Ach ’n uair dhùisgeas mi o m’ shuain, Glacaidh buaireas ùr mi. ’S i mo leannan, etc. Ged a bhithinn-se cho òg, ’S gu ’m b’e ’maireach tùs mo latha, ’S mi nach tréigeadh gaol na h-òigh, Air son diomb luchd-diùrrais. ’S i mo leannan, etc. Am bruadar chunnaic mi ’n raoir, Mi bhi sìnnt’ ri taobh mo leannan; ’S tha e geur a’ tigh’nn am chuimhn’— Chuir i ’n céill dhomh diùrrais. ’S i mo leannan, etc. NIGHEAN BHAN AN ACHADH-LUACHRACH. AIR FONN:—“The girl I left behind me.” A dh-aindeoin taobh ga séid a’ ghaoth, ’S ro chaomh leam fhéin bho thuath i, Oir ’s ann tha tuineadh reul mo ghaoil A dh’ fhàg mo shaoghal truagh dheth. Tha m’ inntinn trom, gun fhonn, fo phràmh, ’S mo chridhe làn de bhruaillean, ’S cha cheil mi nach i ghoid mo thàmh, ’N té bhàn tha’n Achadh-Luachrach. [TD 6] An Ionar-Ghàrraidh air Di-màirt, An comunn àrd nan uaislean, Gu ’n bheachdaich mi do mhiog-shuil bhlàth, ’S an deàrrsadh bha ’n ad ghruaidhean, Gu’n bhuail mo chridhe uair no dhà, Le meud mo ghràidh do’n uan-gheal, ’S bha leam fhéin mar reul measg chàich, ’N té bhàn tha ’n Achadh-Luachrach. ’S ann aig coinnimh an Tigh-Mhaoil, A rinn do ghaol mo bhualadh, Le ’d mhiog-shuil mheallach sheallas caoin, An gnùis gach aoin gun smuairean: ’S ged bha teagasg brìoghail, slàn, Aig Mr. Lauder uasal, Bu gheur mo shùil air ùrla gràidh, N’ té bhàin tha ’n Achadh-Luachrach. Fhir a dh’ imicheas ’san àm, An àird do ’n ghleann air chuairt bhuam, Seinn an luinneag so gun fheall, Ma chi thu mo gheall an uaigneas. Innis di nach fhad mo là, Mur faigh mi tràthail fuasgladh, Bho ’n té mheallach, chlannach, bhlàth, Tha ’n tàmh an Achadh-Luachrach. Ged a tha mo stòras gann, Gun chrodh, gun chrann air chluaintibh, Gu’n leughain dhuit-se iomadh cainnt, Gu’m b’ eòl dhomh ’m peann a ghluasad; ’S gun seinninn luinneag dhuit ’na thrà, ’S cha bhiodh mo ghràdh fo smuairein; ’S gu’m fòg’radh mulad cian gach là, ’N té bhàn tha ’n Achadh-Luachrach. [TD 7] Gur e a mheudaich dhomh am pràmh, ’S a dh’ fhàg mo chadal luaineach, Gur goirid gus an dean mi fhàgail, An t-aite am bheil mo luaidh-se. As ged a shiubh’lainn-se gun dàil, Dh’ Australia air chuaintibh, Cha leig mi ás mo chuimhn’ gu bràth, ’N té bhàn tha ’n Achadh-Luachrach. MONADH DHRUIM-UACHDAIR. Ged a thainig mi’n tìr so, Cha ’n fhad s’ miannach leam fantainn, ’S nach faic mi mu ’n cuairt dhomh Gaol suairce mo leannain. ’S nach faic mi, etc. ’S i nighean muilleir so fhuair mi, ’S, a rìgh, bu shuairc an taobh leab’ i! ’S i nighean muilleir, etc. Tha mo chàirdean an gruaim rium, Chionn nach d’ fhuair mi leat beairteas. Tha mo chàirdean, etc. Ged nach d’ fhuair mi leat stòras, Fhuair mi mòran de thlachd leat. Ged nach d’ fhuair, etc. ’S ged nach d’ fhuair mi leat feudail, Fhuair mi céile mhath chadail. ’S ged nach d’ fhuair, etc. A’ dìreadh Monadh Dhruim-uachdair, ’S tric a luathaich mi ’n t-astar. A’ direadh Monadh, etc. [TD 8] ’S tric a leig mi mo sgìos dhiom, ’S tu, ghaoil, sìnnte ann am bhreacan. ’S tric a leig mi, etc. An àm dol fodha na gréine, Agus éirigh ’s a’ mhadainn. An àm dol fodha, etc. ’S mi gu’n rachadh leat an cunnart, Far nach cumainn mo chasan. ’S mi gu’n rachadh, etc. ’S mi gu’m fuilingeadh bhi’m prìosan, Tri mìosan ré ’n earraich. Ged a thainig mi’n tìr so, Cha ’n fhad ’s miannach leam fantainn. HO RO, CHA BHI MI GA D’ CHAOIDH. Ho rò, cha bhi mi ga d’ chaoidh ni’s mò; Ma thréig thu mise cha lugh’d orm thu; Na’n tigeadh tu fhathast, bu tu m’aighear ’s mo rùn, ’S na’m faighinn do litir gu’n ruiginn thu nunn. Thoir an t-soraidh, ceud soraidh, thoir an t-soraidh so uam, A nunn thun nam porta thar osnaich a’ chuain, Far an d’ fhàg mi mo leannan, caol-mhala gun ghruaim, ’S gur cùbhraidh’ leam d’ anail na’n caineal ’ga bhuain, Ho rò, cha bhi, etc. ’S ’n uair rainig mi ’n cladach bha m’ aigne fo phràmh A’ cumha na maighdinn is caoimhneile gràdh, ’S ’n uair ghabh mi mo chead di air feasgar Di-màirt, Gu’n deach’ mi ’n tigh-òsda a dh-òl a deoch-slàint’. Ho rò, cha bhi, etc. [TD 9] ’S e so an treas turas dhomh fhéin a bhi falbh, A dh-ionnsaidh na luinge, le sgiobair gun chearb, Le còmhlan math ghillean nach tilleadh roimh stoirm; ’S na’m biodh agam botal gu’n cosdainn sud oirbh! Ho rò, cha bhi, etc. Ged théid mi’n bhàl-dannsaidh, cha bhi sannt agam dhà, Cha ’n fhaic mi té ann a ni samhladh do m’ ghràdh; ’N uair dhìreas mi ’n gleann, bidh mi sealltainn an àird, Ri dùthaich nan beann, ’s a bheil m’annsachd a’ tàmh. Ho rò, cha bhi, etc. Mar dhealbha na peucaig, tha’n té tha mi sealg, ’S ’n uair chi mi an té sin tha m’éibhneas air falbh; Mar ròs air a’ mheangan, tha ’n ainnir ’n a dealbh, ’S ged sgàineadh mo chridhe, cha ’n innis mi h-ainm. Ho rò, cha bhi, etc. ORAN. DO BHAILLIDH IAIN CAIMBEUL, NACH MAIREANN, A BH’ ANN AN ARDFINEIG AM MUILE. Le a Mhnaoi. AIR FONN:—“Dainty Davie.” Rùn mo chéile air a cheann, Air a cheann dubh, air a cheann dubh, Rùn mo chéile air a cheann; ’S b’fheàrr gu’n robh thu’n raoir leinn. ’S ann an Ile fhuair thu d’àrach, (Fuaim na tuinne ris an Airde), Air do chuartachadh le càirdean; ’S cha b’e ’n gràdh a sheargadh. Rùn mo chéile, &c. [TD 10] ’S moch a bhitheadh tu air ghluasad Aig an t-seilg air feadh nam bruachan, Leis a’ ghunna, co bhiodh suas riut? Suil mo luaidh neo mhearachdadh! Rùn mo chéile, &c. ’S iomadh latha thug mi spéis dhuit, Mu ’n d’ ghlac mi do làimh o’n chléire, ’S cha b’e càch ri ’m bithinn réidh; O, b’ fheàrr thu fhéin mar cheanna bheairt. Rùn mo chéile, &c. ’N uair a thigeadh tu le d’ bhràithrean, ’S Uilleam aoibheil Bhaile-Mhàrtainn, B’e mo dhùrachd suidhe làmh riut, ’S shruthadh tàbh o d’ sheanachas. Rùn mo chéile, &c. Tha thu iriosal a’s uasal, ’S tha thu treubhach mar bu dual duit, Ann ad oighr’ air iomadh buaidh, ’S ann tha thu d’ dhuais gun mheang leam. Rùn mo chéile, &c. Tha thu foghainteach mar Bhàillidh, Buidhinn cliù o Earraghàidheal, Cà bheil aon a lionadh d’àite, Le d’ innleachd pàirt neo-chearbach? Rùn mo chéile, &c. Ann ad dhachaidh tha thu còmhnard, Cridheil, suairce, ’s e do dhòigh e. ’S ioma h-aon a’ suidhe gu d’ bhord, Le ’n uile dheòin bheir dearbhadh. Rùn mo chéile, &c. [TD 11] ’S ann an raoir a bha mi brònach, Gu ’n d’ fheuch na h-ìoghnagan ceòl rium, Bha do bhàta ’diùltadh seòlaidh, ’S thug na deòir mo chainnt uam. Rùn mo chéile, &c. Seall thu Sìne Chill-an-Aillean, ’S Mac ’Illeathain Bheinn a’ Ghàidheil, Iad ga d’ choimhead mar is àbhaist, ’S cha d’ rinn càch an dearmad. Rùn mo chéile, &c. ’S a nis o ’n tha thu sàbhailt còmhl’ rium, Biodh’maid aoibhneach mar is còire, ’S gu ma fada bhios tu beò dhuinn, ’S dò gu mair sinn taingeil. Rùn mo chéile, &c. ORAN GAOIL. A rùin ’s a ghaoil, na’m faighinn thu, Gur h-ann ri d’ thaobh a chaidilinn, A rùin ’s a ghaoil, na’m faighinn thu, An raoir a bhruadair mi troimh m’ shuain, Mo luaidh’ a bhi a’ labhairt rium. A rùin, etc. Gu ’n d’ thàinig smal air beachd mo shùl, Mu ’n d’ fhuair mi ùin’ air labhairt riut. A rùin, etc. Lìon do buadhan mi gu luath, An uair a fhuair mi sealladh dhiot. A rùin, etc. [TD 12] Do mhiog-shùil dhonn, a’s i ro loinneil, ’S mala chaol ’cur flath oirre. A rùin, etc. Do chalpa bòidheach, meamnach, seòcail, Ainneamhag chòir ’s na fearainn thu. A rùin, etc. Do ghruaidh mar chaorann, slios mar fhaoileann, Thig o’ thaobh nan cladaichean. A rùin, etc. Galar cràidh nach tuig fear slàn; Tha mise làn gach latha dheth. A rùin, etc. A MHAIGHDEAN OG NAM MEALL-SHUILEAN. A Mhàighdean òg nam meall-shùilean, Gur h-òg thug mi mo ghealladh dhuit; Na ’m faighinn thu le toil na cléir, Cha ’n iarrainn spréidh no earras leat. Sgrìob a thug mi ’n bhaile so, Cha robh an sgrìob ud aithreach leam; Air a’ mhaighdinn tha mi ’n tòir, ’S cha chum an t-òr mo leannan uam. A mhaighdean, etc. Do ghruaidh cho dearg ’s an caorann leam, Do chneas cho geal ’s an fhaoilinn leam, ’S iomadh mais’ a th’air mo leannan, ’S bòidheach, banail, aoibheil i. A mhaighdean, etc. Chaid’linn air bheag aodaich leat, Ged’ b’ann air guall an aonaich e— [TD 13] Sneachd a’ taomadh oirnn a nuas, ’S o thaobh an fhuaraidh thaobhainn i. A mhaighdean, etc. ’S ma tha thu ’g amharc sìos orm, ’S gu bheil mo storas losal leat; Chumainn aran riut a’s bainne, ’S cha bhiodh gainne sìthne ort. A mhaighdean, etc. Innsidh mi mar chuala mi, Mar tha gaol nan gruagaichean, Mar shruth bras a’ ruith gu cas, Gun toir e greis ’s gu’m fuaraich e. A mhaighdean, etc. Their cuid de dhaoine còire rium, Nach ’eil ’s a’ ghaol ach gòraiche; Ach ’s iomadh fear is fheàrr na mis’, A tha gun fhios fo dhòruinn leis. A mhaighdean, etc. ’S mur a bheil e’n òrdugh dhuinn, Cha chuir an saoghal còmhla’ sinn; ’S ge b’e fear a gheibh air làimh thu, Guidheam slàint’ a’s sòlas dha. A mhaighdean, etc. SEINN, OCH HO RO, SEINN. Seinn, och ho ro, seinn, Seinn, och ho ro, leannain, Seinn, och ho ro, seinn. ’S gur muladach tha mi, ’S mi air airidh chruidh bhainne. Seinn, och ho ro, &c. [TD 14] ’S gur mulaideach sgìth mi, ’S mi leam fhin an tìr aineoil. Seinn, och ho ro, &c. ’Cha b’ionnan ’s mar bha mi, M’ an do dh-fhàg mi Braigh Raineach, Seinn, och ho ro, &c. Le ’m phiuthair ’s le m’ bhràthair, ’S cead bhi ’manran ri ’m leannan. Seinn, och ho ro, &c. ’S tric a bha mi ’s tu ’sùgradh, ’S cha b’fhiù leat ach ceanal. Seinn, och ho ro, &c. Ann am bothan an t-sùgradh, ’S e bu dhùnadh dha barrach. Seinn, och ho ro, &c. ’S e bu leaba dhuinn luachair, ’S e bu chluasag dhuinn canach. Seinn, och ho ro, &c. Seinn, och ho ro, Ruaraidh, Bidh daoin-uaisl’ air do bhanais. Seinn, och ho ro, &c. Seinn, och ho ro, Thormaid, Fhir nan gorm shùilean meallach. Seinn, och ho ro, &c. [TD 15] Làmh a stiùradh am bàta, ’S muir a’ gàirich mu ’darach. Seinn, och ho ro, &c. ’S tu gu’n stiùradh i direach, Troimh Chaol Ile ’n a deannaibh. Seinn, och ho ro, &c. ’S tu gu’n stiùradh i tioram, ’S muir a’ mire ri ’darach. Seinn, och ho ro, &c. ’S ged nach bi mi ga innseadh, ’S ann an Ile tha mo leannan. Seinn, och ho ro, &c. ’S ged nach bi mi ga raidhtinn, Thug mi gràdh dhuit ’s mi’m leanabh. Seinn, och ho ro, &c. AN NIGHEAN DONN. A ho ro, mi nighean donn, ’S ann ort fhéin a dh’ fhàs an loinn, Dh’ fhàg e acaid ann am chom, An gaol cho trom ’s a ghabh mi ort. ’S i mo ghaol an rìbhinn òg, Dh’ fhàg mi ’n Ile gorm an fheòir, ’S ged bu rìgh mi ’s an Roinn-Eòrp’, Cha bhithinn beò mar faighinn i. A ho ro, etc. [TD 16] ’S na ’m bithinn-se mar eala bhàn, ’S gu ’m bithinn math air an t-snàmh, Mu ’n tigeadh moch-thràth Di-màirt, Bhiodh fhiosam c’ àit’ an caidilinn. A ho ro, etc. ’N uair a chruinnicheadh an sgoil-danns’ B’ ait leam fhéin na chithinn ann, Maighdean donn ’s cir chrom ’n a ceann, A’ cumail thall a camagan. A ho ro, etc. ’S bòidheach, sìobhalta do ghnùis, D’ aghaidh mhìn-gheal mar am flùr, Leig mi dhiom na bh’ ann am dhùil, A’s thagh mi thu, ’s cha b’aithreach leam. A ho ro, etc. Ged a shiùbhlainn thar an tuinn, A’s fichead bliadhna thoirt air luing, Bidh tu tric a’ tigh’nn am chuimhn’, Le meud na suim a ghabh mi dhiot. A ho ro, etc. Dheanainn sgrìobhadh dhuit le peann, Dheanainn treobhadh dhuit le crann, Dheanainn sgiobair dhuit air luing, A chruinneag dhonn nam meall-shuilean. A ho ro, etc. Na biodh cùram ort mu d’ lòn, Gheibh mi ’m sgiobair air luing mhòir S ’n ’uair a thogar a cuid seòl, Le m’ dheòin cha bhi thu ’d bhanaraich! A ho ro, etc. [TD 17] Théid mi bheinn nan stùc ’s nan sròn, ’S na coireachan ’s am bi an ceò, Le m’ ghunna caol nach diùlt do ’n òrd, ’S a leònadh damh nan cabar dhomh. A ho ro, etc. ’S tric a dh’ eirich mi glé mhoch, Maduinn chéitein, cheòmhor, fhliuch, A dhol a shealg a’ choilich dhuibh A chluinnt’ a ghuth ’s a’ chamhanaich. A ho ro, etc. Fhad s’a chì mo shuil-sa ghrian, ’S i ri deàrrsadh air an t-sliabh, Air té ùr cha bhi mo mhiann, ’S gur mùirneach, miaghail agam thu! A ho ro, etc. ORAN GAOIL. RINNEADH AN T-ORAN SO DO MHAIRI NIC ’ILLEATHAINN, ANNS A’ MHORAIRNE, AGUS I AIR DOL DO DH’ AMERICA. LE AILEAN MAC-AN-LEIGH. A Mhàiri mhiog-shùil, mheall-shuileach, Cha tréiginn fhéin air cheannach thu; ’S cha ’n ’eil mi sgith ga d’ leannanachd, Ged ’s fhada fuireachd bhuail mi. Gur fada leam an ràidhe so, Gun neach ni prìs a’ ghàire rium, O ’n dhealaich luchd a’ mhànrain rium, ’S a dh’ fhàg iad thar a’ chuan mi. A Mhàiri mhiog-shùil, &c. [TD 18] Is tu mar bhradan fìor-uisge, ’S e leum air uisge lìomharra,— Sin agaibh mar a chì sibh i, ’S i measg nam mìltean gruagach. A Mhàiri mhiog-shùil, &c. Do ghruaidhean tana, mìn-dearg Mar ròs air chrannaibh dìreach, Sùil chorrach is glan lìonadh, Fo mhala ghrinn gun ghruaimean. A Mhàiri mhiog-shùil, &c. Tha thu uasal, iriosal, Cha ’n fhaicear fraoch no frionas ort; ’S do ghaol cha ’n fhàg mo chridhe-sa Ged ’s tric a’ dol thar cuain mi. A Mhàiri mhiog-shùil, &c. Do chùl donn, bòidheach, camagach, ’N uair chìreadh tu e chasadh e, A’ ghrian ag òradh dhathan air ’S a’ mhaduinn ’s e mu d’ ghuaillean. A Mhàiri mhiog-shùil, &c. ’S gur binne bhi ga d’ éisdeachd Na ’n fhiodhal ’s i fo ’teudan, Na ceòl na cuilc a’ leughadh ’S tu bleodhan spréidh air buaile. A Mhàiri mhiog-shùil, &c. ’S gur math thig sìoda ’s làmhainean Do rìbhinn nam bas bàn-ghealla, Meur ghrinn thu air an t-snàthaid, ’S tu ’n seòmar-àrd a’ fuaigeal. A Mhàiri mhiog-shùil, &c. [TD 19] ’S thu mar eala bhàn-ghil A bhiodh air lochan fàsail; Gur fhada ni thu deàrrsadh, ’S do chruth ’cur àill a’s snuaidh ort. A Mhàiri mhiog-shùil, &c. ’S e Rìgh-nan-gaol* a thàlaidh mi, ’Sa chuir a thaobhadh Màiri mi, ’N uair shaoil iad bha mi gràineach ort, Bha m’ inntinn làn de luaidh ort. A Mhàiri mhiog-shùil, &c. BANAIS MOR CHAMAROIN. SEISD:— ’S coma leam co bhios ás na théid ann, Co bhios ás na co théid ann; ’S coma leam co bhios ás no théid ann, Théid mise gu banais Mòr Chamaroin. ’Nuair thàinig a’ chuideachd ’s a shuidh iad mu’n bhòrd, Chunnacas duine ’s e ’tighinn na’n còir, Bha poca ’n a achlais a’s bata ’n a dhòrn, ’S e daonnan ag òl air Mòr Chamaroin. ’S coma leam, etc. Bha thu na d’ bhlaster aig Mac-Ille-Mhaoil Mu’n d’ thàinig thu thairis a ghearradh nan craobh; Gur iomadach caileag a luidh thu ri taobh, Mu’n robh thu air thaod aig Mòr Chamaroin. ’S coma leam, etc. * Cupid. [TD 20] Mu ’n d’ thainig thu dh’ fhuireach a choille Néill Ruaidh, ’Cha bhuaineadh tu mòine ’s cha cheann’cheadh tu gual, Gur h-iomadach cabar a leag thu le tuagh, A chumail an fhuachd o Mhòr Chamaroin. ’S coma leam, etc. Bha Lachann a’ Choire ’na shuidhe mu’n bhòrd, A’ ghaodhaich le sogan a’s botal ’na dhòrn, “Deoch-slàinte a’ ghaisgich bu mhath leam a h-òl, Bho’n rug e air spòig air Mòr Chamaroin.” ’S coma leam, etc. Nuas dhuinn am botal ’s cuidich am bòrd, Cupaichean, flataichean, pailte gu leòr, Cuir thusa am brot air a’ cheann ud de ’n bhòrd, ’S bidh ’n fheòil agam fhéin ’s aig Mòr Chamaroin. ’S coma leam, etc. Na’m faicinn do bhanais ’s gu’n cluinninn a’ phìob, Gu’n rachainn ad choinneamh gu ruig Dal-a-chrì; ’S ged bhithinn tighinn dachaidh gun duin’ ach mi fhìn Gu ’n dannsainn leat ruidhle mu’m falbhainn. ’S coma leam, etc. Càirich an leaba ’s e fada ’s an oidhch’. Tha’n t-àm dòl a luidhe bho’n ghabh ainn ar boid, ’S bodachan sgiobalta séinn os ar cionn “Bu chinnteach mis a Mòr Chamaroin.” ’S coma leam, etc. [TD 21] ORAN GAOIL. ’S cailin thus’ a’s buachaille mise, Chailin òg, nach stiùir thu mi? ’S cailin thus’ a’s buachaille mise, Chailin òg i hùiridh o, Chailin òg nach stiùir thu mi? Chaidh mi ’shuiridh air nighean Righ Eirinn, Chailin, etc. Dh’ iarr a’ chailin ni nach b’fheudar. Chailin, etc. Caisteal air gach cnocan gréine, Chailin, etc. Muileann air gach sruth an Eirinn, Chailin, etc. Cat air ’m bi tri fichead earbull, Chailin, etc. Thug i mionnan, boid, a’s briathran, Chailin, etc. Nach sineadh i a taobh ri m’ chliathaich, Chailin, etc. ’Nuair chuala mi na briathran gàbhaidh, Chailin, etc. Chaidh mi dhachaidh mar a’ b’ àbhaist, Chailin, etc. Thug mi ’m luidhe bhliadhn’ ach raidhe, Chailin, etc. Thàinig a’ chailin donn am fhaicinn, Chailin, etc. [TD 22] Dh’ fhiosraich i ciod è mar bha mi. Chailin, etc. “Cha ’n ’eil mise ach tùrsach, cràiteach. Chailin, etc. Falt mo chinn ’n a dhuala làmh rium.” Chailin, etc. Dh’éirich mis an là-’r-na-mhaireach. Chailin, etc. Bho’n b’e ceann na bliadhna ach ràidhe; Chailin, etc. Chaidh mi mach gu cùl na sràide. Chailin, etc. Rug mi air caman ’s chuir mi bàrr leis. Chailin, etc. Rug mi rithist ’s chuir mi dhà leis. Chailin, etc. Thàinig a’ chailin donn taobh bha mi. Chailin, etc. Dh’ fhiosraich i ciod è mar bha mi. Chailin, etc. “Math le caraid, olc le nàmhaid.” Chailin, etc. Chrom i ceann a’s rinn i gàire. Chailin, etc. Mur bhitheadh dhomh gur bean mo mhàthair, Chailin, etc. A’s té eile mo phiuthar ghràdhach. Chailin, etc. Dh’ innsinn sgeul do dh’ fhear nam mnàthan. Chailin, etc. [TD 23] Pàirt dhiubh tha gu beulach, breugach, Chailin, etc. A’s cuid dhiubh tha gu modhail beusach. Chailin, etc. ORAN. LE GAIDHEAL ANN AN New Zealand. LUINNEAG:— Irin àrin a ho ro, Irin àrin a ho ro, Irin àrin a ho ro, Mo ghaol air Marcus Lathurna. Tha e àillidh, flathail, òg, Gun mheud-mhòir, gun uaill, gun spòrs; B’fheàrr leam e gun bhonn de’n òr, Na prionnsa mòr le palaisean. Irin àrin, etc. Ged a gheibhinn leth an t-saogh’l, ’S prionnsa rìoghail bhi ri m’ thaobh, B’fhearr leam tàmh am bothan fraoich, Le fear mo ghaoil an Lathurnach Irin àrin, etc. Ciod e dhomhsa palais rìgh Mar bi ann leam rùn mo chrì? B’fheàrr gu mòr na bhi ’m bhan-rìgh, Bhi m’ bheanag chrìon an Lathurna Irin àrin, etc. Do shliochd Dhiarmaid tha mo ghaol, Sliochd rìghrean bha’n tìr an fhraoich, [TD 24] ’S tha fuil co uasal ’s th’ anns an t-saogh’l, A’ ruith an aodann Lathurna. Irin àrin, etc. Thàinig fios a nall thar chuan, Gu’n robh Rìgh Phrussia rium an gruaim, Airson mi idir bhi ’toirt suas, Ri Marcus uasal Latharna. Irin àrin, etc. Chuireadh fios le mòran spìd, Gu’n robh e’n aghaidh lagh na rìo’chd, Mi phòsadh neach ach mac o rìgh, ’S mi leigeil dhiom an Lathurnaich. Irin àrin, etc. Dh’fhàg am fios ud mi fo bhròn, Dh’fhàg e mo chridhe trom fo leòn, ’S thuirt mi riù nach mairinn beò Mur faighinn òig’ear Lathurna. Irin àrin, etc. ’N sin thuirt rium mo mhàthair chòir, “Louisa, leig dhiot do bhròn, ’S ni Uilleam Gladstone ’s mise dòigh, Do phòsadh ri fear Lathurna.” Irin àrin, etc. Tha mi nis gu cridheil suairc, An dùil bhi pòsda ri mo’luaidh, Théid mi leis gu ruig Dun-chuaich, A gabhail cuairt na gealaich-mheal’.* Irin àrin, etc. * Honey-moon. [TD 25] Seinnidh mi dha òrain ghrinn, Orain Ghàidhlig bhlasda bhinn; Bidh mi dìleas da ri m’ linn, ’S cha leig mi sgìos no smalan air. Irin àrin, etc. ’S ma’s éiginn dhomh gu’n toinn mi buarach, Théid mi ’bhleodhan cruidh do’n bhuaile, ’S gheibh sinn bainne blàth a’s fuarag, ’Bheir dhuinn snuadh a’s fallaineachd. Irin àrin, etc. ’Nuair ’chuireas iad a mach na lìn, Gheibh sinn bradan á Loch-fin, Gheibh sinn sithionn á Gleann-Sìorra, ’S cha bhi dìth no aithis oirnn. Irin àrin, etc. ORAN GAOIL. SEISD:— Oich ù agus h-iùraibh éile, Oich ù agus h-iùraibh éile, H-iùraibh ò, agus hò ro éile, ’S mo chruinneag dhonn, gur a trom ad dhéigh mi. C’àite bheil i ann am Muile, Cruinneag bhòidheach is gile muineal, Ribhinn àluinn a’ bhroillich shoilleir, ’S bu deacair dhomhsa ’cur air a bonnaibh. Oich ù, etc. C’àite bheil i ann an Albainn, Cruinneag bhòidheach is gille calpa— [TD 26] Slios mar fhaoilinn air aodan fairge, ’S gur h-e do throm-ghaol a rinn mo mharbhadh. Oich ù, etc. Tha an oidhche nochd fliuch, fuaraidh, Laidh an sneachd air na beanntaibh shuas ud; Cha téid mise a dh-fhios na gruagaich, Ach-gus am fàs na gleanntan uaine. Oich ù, etc. Cha téid mise do’n mhonadh tuille, Bho nach d’rinn mi bonn feum an diugh ann; Chaog mi’n t-sùil ann ’s cha d’rinn mi tuilleadh; Ghlac mi’n crann bho’n ’s e rinn mi buill dheth. Oich ù, etc. ’N uair a théid mi thun na féille, Bidh mo shùil air a’ chruinneig ghlé-ghil, Is binne Gàidhlig ’s as deise Beurla, ’S bidh sàiltean àrd air a brògan eutrom. Oich ù, etc. Tha do shùilean mar na smeuran, No mar dhearcagan donn an t-sléibhe— Dubh a’s donn ann am measg a chéile, ’S gu bheil ceann dubh air mo chruinneig ghlé-ghil. Oich ù, etc. Tha do shùil ghorm, dhathte, bhòidheach, Fo d’ mhala chaol ann ad aodann mòdhail, Pearsa dhìreach de dh-fhior Chlann-Dòmhnuill; Gur math thig gùn duit an cuirt nan og-bhean. Oich ù, etc. ’N uair a bha sinn air a’ bhuaile, ’S e luchd mì-rùin thog oirnn an tuaileas, [TD 27] Gu’n robh thu sinte fo m’ bhreacan-guaille, Cha robh, a ghaoil—O b’ fhada bh’uam thu. Oich ù, etc. ’S ’n uair a bha sinn anns a’ mhonadh, ’S e bu bhiadh dhuinn na cìribh meala, Barr an fhraoich ’s e ’n a chaoran meallach, ’S an eunlaith fhiadhaich a’ sgiallaich tharuinn. Oich ù, etc. ORAN GAOIL. Le Iain Mac-Phaidein. SEISD:— Ni mi ’n duanag so le aoibhneas, Le dùrachd mo chridhe ’n mhaighdinn, Do’m bu dual bhi uasal, caoimhneil Thar gach baintighearn’ anns an tìr. Sùil is guirme ’s ciùine sealladh, Aig Bell bhàn an Gearr-a-bhailtein— Deud geal ìbhri dìonach, snaighte, Ann a bilean meachair, grinn. Ni mi ’n duanag, etc. ’S mi gu ’n òladh a’s gu ’m pàigheadh, Dh’ òlainn, a ghaoil, do dheoch-slàinte, A dh-fhìon no ’bhrandaidh na Spàinnte, Ged a dh’ fhàgadh e mi tinn. Ni mi ’n duanag, etc. ’S na’n cluinninn thu thigh’n do ’n dùthaich, Dh’ éireadh mo chridhe gu sunndach; B’fhada chluinnte fuaim mo chiùil, A’ seinn do chliù air feadh na tìr’. Ni mi ’n duanag, etc. [TD 28] ’S beag an t-ioghnadh thu bhi pròiseil, ’S glan an fhuil ’tha ’d chuislean bòidheach— Car thu Mhorair Chlann-Dòmhnuill, ’S ann mu ’bhòrd bhios ceòl na piob. Ni mi ’n duanag, etc. Tha do chàirdean làidir, reachdail, Cruad’lach, buadhmhor am batailt; Siosalaich nan geur-lann sgaiteach, ’Choisinn meas am feachd an righ. Ni mi ’n duanag, etc. ’N uair a théid thu do Dhun-éideann, Cha ’n ’eil Diùc ann nach bi ’n déigh ort; Bidh iad a’ faoighneachd d’a chéile, “Co i peucag an fhuilt dhuinn?” Ni mi ’n duanag, etc. ’S binne leam do ghuth na’n smeòrach, ’S millse leam na mhil do phògan; Tha do ghruag ’n a teudan òir, ’N a dualan bòidheach cùl do chinn. Ni mi ’n duanag, etc. Tha do ghruaidh mar chaor air mheangan, D’anail is cùbhraidh na’n caineal, Muinneal mìn-gheal mar an canach, No mar eal’ air bhàrr na tuinn. Ni mi ’n duanag, etc. ’N uair thig geamhradh na gaoith reòdhta, Cha ’n fhàgar thu’n tìr an eòrna; Thèid thu Shléibhte nam ban bòidheach, Do ’n Tur mhòr ’s an òilteadh fion. Ni mi ’n duanag, etc. [TD 29] AN RIBHINN LURACH SEISD:— An teid thu leam, a ribhinn lurach? Am falbh thu leam, a ribhinn lurach? Tiugainn, tiugainn do bhràigh Mhuile, ’S cha bhi cunnart dhuit no fàillinn. Tiugainn leam do ’n àite lurach, Nach’eil a leithid anns a’ chruinne, Taobh a’chaoil ’s am bi na luingeis, Speuran a’ mhullaich mar sgathain. An teid thu leam, etc. Daoimean anns gach àite, ’dearrsadh, ’M bun nan cnoc ’s am barr nam sléibhtean; Thug e barr air tìr na h-Eiphit, ’S gu léir air talamh Chanàin. An teid thu leam, etc. Tha gach meas ann, ’s tha gach luibh ann, Tha gach nì ni feum do dhuin’ ann— Méinean òir am bun gach struthain, A’ boillsgeadh mar rionnaig a’ deàrrsadh. An teid thu leam, etc. Biolair ann am bun gach fuarain, Eilid anns a’ ghleann taobh shuas dheth: ’S tric a bha mi greis ’g a ruagadh, ’S bhiodh i buailt m’an cluinnt’ an làmhach. An teid thu leam, etc. Mharbhainn coileach-dubh a’s ròn dhuit, Tàrmachan a’s damh na cròice, Ach ma théid thu leam do’n Chrògan, A chaoidh ri d’ bheò cha ’n iarr thu ’fhàgail. An teid thu leam, etc. [TD 30] Stiùrainn bàta ri sruth lionaidh, Ged a robh a’ mhuir ’n a sìoban, ’N uair bhiodh luchd nam brecan grìsionn, ’S iad ’n an sìneadh air an fharradh. An teid thu leam, etc. Stiùrainn bàta ri sruth fuaraidh, Fhad’s a dh’fhanadh clàr dhi ’n uachdar ’S gheibh thu dearbhadh ’s an Leth-uachdraich, Nach sgeul tuaileis ’tha mi ’g ràdh riut. An teid thu leam, etc. Tha thu ro-mhath air an ùrlar, ’Dol tarsuing anns an ruidhle dhùbailt; S’ gur a math a thig an gùn duit, Ann am fasan ùr na Ban-righ. An teid thu leam, etc. Tha d’fhalt dualach, ’s tu ’g a chìreadh, Fiamh an òir dheth mu na cìrean; ’S leis a’ ghaol a thug mi fhìn dhuit, Leig mi air di-chuimhn’ na h-aithntean. An teid thu leam, etc. Moire ’s i mo ghaol a’ mhaighdean, A tha ’chòmhnuidh ann an Caoimhnis! Cha téid mise dh Ath-an-tuim leat, Mur toir thu le snaoim do làmh dhomh. An teid thu leam, etc. Moire ’s i mo ghaol an ainnir, D’fhalt dualach, ’n a mhìle camag, Do dhà ghruaidh mar ròs air mheangan Beul cho meachair ’s bho’n tig gàire. An teid thu leam, etc. [TD 31] Troigh chuimir am bòtainn thana, Nach lub am feòirnein air faiche; Calpa grinn air dhealbh a’ bhradain, A dh’eireas ri caisil o’n t-saile. An teid thu leam, etc. Cha’n iarrainn leat crodh no caoraich, Or no earras—cha ’n e dh’ aom mi— N’am faighinn le còir ’s le saors’, Bho Aonghas Mac-an-t-saoir air làimh thu An teid thu leam, etc. Mur am biodh mo cheann air liathadh, ’S gun mi ’chòir bhi fichead bliadhna, Bu tu m’aighear ’s b’e mo mhiann thu, De na thàinig riamh bho Adhamh. An teid thu leam, etc. A GHRUAGAICH DHONN A’ BHROILLICH BHAIN. SEISD:— A ghruagach dhonn a’ bhroillich bhàin, A chum a’ chòdhail rium Di-mairt, A ghruagach dhonn a’ bhroillich bhàin, Gu ’m bu slan a chì mi thu! A ghruagach dhonn gun ghò, gun fhoill, A chum a’ choinneamh rium an raoir, Bha mi còmhradh riut ’s a’ choill, ’Sinn ann an caoimhneas diomhaireach. A ghruagach dhonn, etc. [TD 32] Rinn mi coinneamh riut glé òg, Ann an coille dhlùth nan cnò. Bu bhinne leam do ghuth na’n smeòrach, ’S tha do phòg mar fhigis leam, A ghruagach dhonn, etc. Fhuair mi sud le mùirn ’s le tlachd, Ann am bun an stùc-uillt chais, Pòg na h-òighe ’s bòidh’che dreach, ’S bu mhòr mo mheas ’n uair shìn thu i. A ghruagach dhonn, etc. Cha b’ann le éiginn no cùis chruaidh, A fhuair mise a’ phòg ud bhuait, Ach le caidreamh séamh gun ghruaim, Gu soitheamh, suairce, sìobhalta. A ghruagach dhonn, etc. Mhaighdean, na biodh ortsa gruaim, Ged a shéideas a’ ghaoth tuath, Tho ’cuid thimbérs làidir, cruaidh, ’S, a ghruagach, na biodh mi-ghean ort. A ghruagach dhonn, etc. Tha sgiobadh gasd’ againn air bòrd, Math gu reéfadh ’s pasgadh sheòl, ’S mur an dean iad gloine òl, Cha’n’eil an còrr r’a ìnns’ orra. A ghruagach dhonn, etc. ’N uair thilleas mi ás an Fhraing, Airgiod-poc’ cha bhi oirnn gann— ’Cunntas ghineachan am làimh, ’S cha bhi peighinn ann nach sìnear dhuit, A ghruagach dhonn, etc. [TD 33] Gu ’m bu fallain ’s gu ’m bu slàn, Dhi ’chum ’a chòdhail rium Di-màirt, Iarguin m’aigne ’s m’ airsneul phràmh— ’S mo chion-gràidh da-rìreadh thu! A ghruagach dhonn, etc. IAIN MACPHAIL AN DROBHAIR. Gaol, an gille, th’ aig càch ort meas, ’S tu’m bun a’ ghlinne ’n còmhnuidh, ’S tu’n t-òigeir uasal, ’s suairce beus, ’S gur tric air féill, le d’ dhròbh thu. Bho’n a thàrlaich dhomh bhi ’m thàmh, ’S gu’n duin’am dhàil ’ni còmhradh, Gu’n tòisich mi ’s gu’n dean mi dàn, Do dh-Iain Mac-Phàil an Dròbhair. Gaol, etc. ’Nuair a théid thu thun na féille, Bidh na ceudan còmhl’ ruit, Bidh na Sasunnaich ad dhéigh, A’ gabhail sgeul an Dròbhair, Gaol, etc. Tha thu measail ann ad dhùthaich, Ionnsaicht’ ann am fòghlum, C’uim’ nach seinninn-sa do chliù, ’S gu’n d’ thug thu crùn ri ’òl dhomh, Gaol, etc. Ged nach ’eil thu mòr bho’n làr, Tha d’ inntinn àrd a’ seòladh; Gur h-ùr a’ choill bho’n d’rinn thu fàs, ’S do chairdeas ri Cloinn-Dòmhnuill, Gaol, etc. [TD 34] Tha ciall a’s gliocas ann ad cheann, A bhuineadh geall air mòran; Gur h-iomadh fear ’bu mhiosa cainnt A fhuair commanda Còirneil. Gaol, etc. Ach na ’m faighinn-se gu m’ dhùrachd, H-uile cùis gu m’ òrdugh, Bhiodh tu d’ Mhember anns a’ chùirt, ’S tu d’ shuidhe dlùth ri Deòrsa. Gaol, etc. Ged bu leamsa mart air chluais, Gu ’n liubhrainn bhuam le m’ dheòin i, ’S do rogha céile bhi ri d’ ghuallainn, Tighinn le buaidh o ’n phòsadh. Gaol, etc. Dùinidh mi le rann no dhà, Mu ’n abair càch gur bòsd e, ’S mu ’n stylear mi air line nam bàrd, Théid Gàidhlig dhuit an òrdugh. Gaol, etc. BATA PHORT-RIGH. Ho ró hog i ó, hal dal ó halo ì, Ho ró hog i ó, hal dal ó halo ì, Ho ró hog i ó, hal dal ó halo ì, Aig meud mo mhulad, cha ’n urrainn mi ’inns’. Dh’ fhalbh mi thar m’ eòlais le òrdugh Trustees, Le Steam-boat mhòr Leòghasach a sheòl á Port-Rìgh; ’Dol timchioll na Maoile bha ghaoth ruinn a’ strì, ’S bha bàta na smùid ’s a mhuir dhù-ghorm fo ’druim. Ho ró hog i, etc. [TD 35] A nuas seach an t Oban bha caoir air a’ ghaoith, Bha ’n fhairge a’ tòchdadh, ’s a’ bòchdadh ’n a glinn; ’N uair thàinig a’ mhadainn ’s a bha n’ cadal am dhìth Gu ’m b’ fheàrr leam na ’m farradh ’bhi tamul air tìr. Ho ró hog i, etc. Dol seachad air Arainn bha sgal aig a’ ghaoith, Bha ’n fhairge a’ stealladh mar bhainne na cìch; ’S e sruth Choire-bhreacain ’dh’ fhàg mise ro-sgìth, ’S gach tàland a bh’ agam ’n an luidhe ’s chuan shìos. Ho ró hog i, etc. Gur mis’ tha fo mhulad ’s mi ’siubhal a’ chuain, ’S mi falbh do na h-Innsean ri sìd an droch uair; Croinn bhi ’g an rùsgadh, a’s siùil ga ’n toirt bhuainn, ’S an long mhòr air a leth-taobh ’s i ’gleachd ris a’ chuan. Ho ró hog i, etc. ’Dol seachad air Gouraig bu chorrach a com, Bha càir gheal mu toiseach ’s i sgoltadh nan tonn; A suas abhainn Chluaidh ’n uair a fhuair i ’mhuir lom, Dol stigh gu Port-Glaschu gu caladh nan long. Ho ró hog i, etc. ’N uair ràinig mi Glascho gu fearann nan Gall, Thachair orm bodach le chànain Ghalld’, Mur bithinns’ ro-fhòghluimte air ’sheòrs’ anns’ an àm, Cha tuiginns’ a chànain—cha b’i Ghàidhlig a bh’ ann. Ho ró hog i, etc. ’N uair chaidh mi ’Dhun-éideann gu palais nam bùth, Bha ’n t each-iarruinn ’n a ghleus a’s gu’m b’ éibhinn a ghnùis; ’N uair shìneadh e réis air an rail ghlan bha dlùth, Cha b’e gille le sréin ’chumadh ceum ris an dlùths’. Ho ró hog i, etc. [TD 36] ’S gur mis’ tha fo mhì-ghean ’s an tìr so an dràsd, Bho’n thug mi mo chùlaobh ri dùth’ch nam beann àrd; Tha m’ inntinn an dràsda ag ràidhtinn rium fhìn, Gu ’n till mise sàbhailt’ le Bàta Phort-Rìgh. SUD AGAIBH AN DEOCH A DH’OLAINN. Sud agaibh an deoch a dh’ òlainn, Deoch-slàint’ a’ Chamaronaich bhòidhich; Sud agaibh an deoch a dh’ òlainn. Dh’ òlainn deoch-slàinte ’n fhir ruaidh ’Chaidh thar a’ ghuallain Di-dòmhnaich. Sud agaibh, etc. Dh’ òlainn deoch-slàinte ’n fhir bhuidhe, ’Dhìreadh am bruthach gun mhòr-chuis. Sud agaibh, etc. Dh’ éireadh Griogaraich a’s Granndaich, Ann ad champa mar bu chòir dhoibh, Sud agaibh, etc. Dh’ éireadh Stiùbhartaich o’n Apuinn— Thig fo d’ bhrataich na fir òga. Sud agaibh, etc. Dh’ éireadh mar sin leat Loch-ial Nan lann ’s nan sgiath’ sheasamh còrach. Sud agaibh, etc. Tha do chàirdeas an Lochabar, Ri fear an Earrachd, an Còirneal. Sud agaibh, etc. ’S math thig claidheamh a’s crios guaille, ’S féile cuaiche air an òigear. Sud agaibh, etc. [TD 37] Bu tu sealgair damh nan cabar Anns an lag ’s an goir an smeòrach. Sud agaibh, etc. Nàmhaid an fhéidh thu ’s an fhireach, A’s boc biorach nan ceum spòrsail. Sud agaibh, etc. Liontadh cupaichean mu ’n cuairt ort, ’S gu’n dean fir Shuaineart an òl ort. Sud agaibh, etc. ORAN GAOIL. Mo ghaoil a’ mhaighdean ’dh’fhàs cridheil, aoibheil, Air an do bhruadair mi’n raoir ’s mi ’m shuain; ’S an àm dhomh dùsgadh, b’e fàth mo thùrsa, Thu bhi’n Ceann-Turra cho fada bhuam. ’S ann air an eilein a’ buain nan dearcag, A ghabh mi ceist ort a ’s mòran gràidh; Do chòmhradh falaich a rinn mo mhealladh, ’S tha mi cheana leis air mo chradh. Do bhilean tana cho dearg ri sgàrlaid, Mar ròsan gàraidh tha do dhà ghruaidh; ’S do chùl donn, sniomhain mar sheudan fidhle, ’S e ann an stiom air a cheangal suas. Tha do phògan mar na h-ùbhlan; D’ anail chùbhraidh mar shugh-craobh; Do chneas mar eala, do shlios mar chanach, Da shuil ghorm, mhealach fo mhala chaoil. [TD 38] An uair a rainig mi Tigh-a-bhealaich, Bha thusa, Anna, a nios an àth, ’S ann thuirt mo chridhe rium, Tha i ’tighinn, ’S i so an nighean do’n d’thug mi gràdh. ’S truagh nach robh mi a’s mo leannan An gleannan falaich, ’s sinn fad’ o dhaoin’, No ’n Gleann-a-Leòra a’s badan ceò ann, ’S gu’n deanainn còmhradh riut anns an fhraoch. ’S truagh nach robh mi ’s mo rogha céile, Am mullach shléibhte nam beanntaibh mòr, ’S gun bhi ga’r n-éisdeachd ach eòin an t-sléibhe, ’S gu’n tugainn fhéin duit na ceudan pòg. Ma tha fear eile am bun do sgéithe, A tha ga d’ theumadh ’s ga d’ mhealladh bhuam, ’S ma thug thu gaol da gu mise thaoibh-sinn, Gur h-e am faochadh a gheibh mi ’n uaigh. A FHLEASGAICH AN FHUILT CHRAOBHAICH. A fhleasgaich an fhuilt chraobhaich chais, Oigeir a’ chùil dualaich, A fhleasgaich òig an òr-fhuilt chais, Gur h-ì do mhais’ a bhuair mi. Mheall thu, mheall thu, mheall thu mi, Do bhòidhchead a bhuair mi; A’s gheall thu dhomhs’ air iomadh dòigh, G’um biodh do stòras buan domh. A fhleasgaich, etc. [TD 39] ’S truagh nach robh mi ’s mo ghaol, An lagan an fhraoich uaine; ’S ged laidhinn tinn gu’n éirinn slàn, ’S mo làmh bhi fo d’ chùl dualach. A fhleasgaich, etc. ’S gur a mise tha gu tinn, A’s falt mo chinn air fuasgladh, ’S gun fhios-am fhéin ciod e ’n cion-fàth, Thug dhuits’, a ghràidh, bhi ’n gruaim rium. A fhleasgaich, etc. N’am biodh agam boineid dhù-ghorm, ’S ite mholach, uaine, ’S mi gu’n rachadh leat, a ghaoil, Do sheòmar nan daoin’ uaisle. A fhleasgaich, etc. Bidh tu aig banais agus bàl, A’ mànran ris gàch gruagach, ’S bidh mis’ a’ sìn air chùl gach màis, ’S do chàirdean ann an gruaim rium. A fhleasgaich, etc. ’S b’og a thug mi dhuit mo ghaol, Ged nach d’rinn mi ’bhuannachd; ’S an t-snaoim a cheangail sinn gu teann, I air gach ceann air fuasgladh. A fhleasgaich, etc. Chunnaic mis’ thu air an fhéill, ’S té eile ri d’ ghuallainn; ’S ged a bhiodh mo chridh’ an àird, Gu’m biodh e mhàin an uair ud. A fhleasgaich, etc. [TD 40] Thug mi bòid, na’m feumainn ann, Nach taghainn seann duin’ uasal, ’S nach cromainn-se mo cheann an loch— Gu’n òlainn deoch á fuaran. A fhleasgaich, etc. ’S ’dé ma chaidh thu dh’arm an rìgh, ’S nach urrainn mise d’fhuasgladh, Mo mhìle beannachd ás do dhéigh, A’s tagh do rogha gruagaich! A fhleasgaich, etc. ORAN GAOIL. Hò i u ò hill ho ro ò, Hò i u o hì rì rì ù o, Hò i u ò hill ho ro ò: ESAN.— Tha sgeul ùr air tigh’n do ’n bhaile, Gu ’n do thréig mo cheud leannan. Hò i u, etc. Gu’n do thréig, etc. A’s ma thréig cha bu mhaith leam. Hò i u, etc. A’s ma thréig, etc. Sìne bhàn nam blàth-shùil meala. Hò i u, etc. Sìne bhàn, etc. Sud agaibhse dreach mo leannan— Hò i u, etc. Sud agaibhse, etc. A dà ghruaidh mar chaor air mheangan. Hò i u, etc. [TD 41] A dà ghruaidh, etc. A’s fàileadh an t-subh-chraoibh d’a h-anail. Hò i u, etc. A’s fàileadh, etc. A’s deanamh na sguilb air a malaidh— Hò i u, etc. A’s deanadh, etc. Dà cheann coal a’s faobhar tana. Hò i u, etc. Dà cheann, etc. ’S òg a fhuair mi fhéin do ghealladh, Hò i u, etc. ’S òg a fhuair, etc. An lagan uaine ’buain an darraich. Hò i u, etc. ISE.— Chì mi, chì mi, chì mi thall ud, Chì mi na féidh air a’ bhearradh. Hò i u, etc. Chì mi na féidh, etc. ’S mo ghìomanach fhéin ga ’n leanailt. Hò i u, etc. ’S mo ghìomanach, etc. Fear-dìridh nan stùc gu fearail. Hò i u, etc. Fear-dìridh, etc. Le ghunna caol ’s le bhreacan ballach. Hò i u, etc. Le ghunna, etc. ’S dh’fhàgadh e’n damh donn gun anail. Hò i u, etc. [TD 42] ’S dh’ fhàgadh, etc. Air an driùchd ’s e call na fala. Hò i u, etc. Air an driùchd, etc. ’S bhiodh a mhial-choin sgìth ga’n leanailt. Hò i u, etc. ’S bhiodh, etc. ’S bhiodh a ghillean sgìth ga’n tarruing, Hò i u, etc. ’S bhiodh, etc. ’S togaidh sinn tigh mòr ’s am fan sinn. Hò i u, etc. SEINN AN DUAN SO, HUG IRI HU O. Seinn an duan so, hug ìri hù o, Do’m chailin dualaich, hug o ro ì, Is deirge gruaidhean ’s is duinne cuailein, ’S gur lìonmhor buaidh a th’air luaidh mo chridh’. ’S ann Di-Màirt bho cheadha Loch-Alainn, A dh’fhalbh mo ghràdh-sa le bàt’ na smùid; Bu luath a ceum ’dol gu tìr na Beurla, ’S tha mi fo eislean air bheagan sunnd. Seinn, etc. ’S gur ann le bàta nan roithean làidir, ’S nan cuibhlean pràis ’s iad a ghnàth ’cur strìth; Fear ga’ stiùradh gu làidir, lùghmhor, ’S e ’deanamh iùil dhi gu Diùra shios. Seinn, etc. [TD 43] Gur h-ioma peucag a chi thu’n Glaschu, Le’n éideadh maiseach ’s le’m fasan ùr; ’S ann bhios tu, eudail, mar reult na maidne ’Cur neul le airsneul air dreach an gnùis. Seinn, etc. ’S truagh nach robh mi leat thall an Eirinn, A’s m’aitribh fhéin an taobh thall d’an chuan— Dh’aithnichinn m’eudail am measg nan ceudan, A’s i mar Bhénus ag eirigh suas. Seinn, etc. Tha do chòmhradh gu blasda, binn leam, Pòg is millse na mil an fhraoich, D’ anail chùbhraidh ’tha mar na h-ùbhlan, Tigh’n réidh, gun tùchan, o d’ mhuineal caoin. Seinn, etc. ’S tha do shùilean mar na smeuran, Mar ròs an gàradh do dhà ghruaidh, Mar choinnle céire, ’s iad laist’ le cheile— ’S gu’n aithnichinn m’eudail am measg an t-sluaigh! Seinn, etc. Té eile fo’n ghréin cha ’n ’eil ri fhaicinn, Is bòidh’che maise no bean mo ghaoil; Dà shùil mhiogach, mheallach, lionta, Fo’n rosg shìobhalt, dh’fhag m’inntinn faoin. Seinn, etc. ’S tric a bha mi fo sgail nan craobh leat, A’s lagan fraoich air gach taobh dhinn fhìn, Bu leam do chòmhradh ’s le d’ dheòin do phògan, ’S tha mi fo leòn bho ’n là dh’fhàg thu’n tìr! Seinn, etc. [TD 44] AN CLUINN THU, LEANNAIN, AN CLUINN THU. Le Dùghall Mac-Phàil. An cluinn thu, leannain, an cluinn thu, An cluinn thu idir, an cluinn thu, An cluinn thu, leannain, an cluinn thu, Mar tha mi cho tinn ga d’ iunndrainn? Mo chion air an ainnir!—’S i bean a’ chùil bhàin D’ an d’thug mi ’n gaol falaich na fannaich gu bràth; Bu tu mo cheud leannan gun aithne do chàch, ’S mi nise fo phràmh ga d’ iunndrainn. An cluinn thu, &c. ’S i d’ ìomhaigh is ceòl dhomh gach Dòmhnach a’s Luain ’S tu cuspair mo smaointeanan faoine gach uair; ’S i mhaise ’tha ’d aodan a chaochail mo shnuadh, ’S a dh’ fhàg mi gun luaidh air sùgradh. An cluinn thu, &c. ’S truagh nach robh mise fo shileadh a’ cheò, Còmhla ri m’ leannan an gleannan an fheòir; Cha ’n iarrainn a dh-iocshlaint’ ach brìodal do bheòil, Oir ’s millse do phòg na ’n siùcar. An cluinn thu, &c. Le d’ aghaidh ghlan, mheachair, cho banail s cho caoin, Le d’ sheirc a’s le d’ chaidreamh flathail, neo-chlaon; Cha luidheadh orm fadal ’s tu agam ri m’ thaobh, Le d’ chonaltradh gaoil, ’s le d’ chùirteis. An cluinn thu, &c. Thàrmaich leann-dubh orm, mulad a’s cràdh; O, ’n acain so ’leòn mi ’n tùs m’ òige cho tràth! An deaghaidh do gheallaidh mur faigh do làmh, Bheir saighdean do ghràidh do ’n ùir mi. An cluinn thu, &c. [TD 45] Ged their mo luchd-suaileis nach buan duit mo ghràdh, Cha chreideadh tu ’n còmhradh na ’m b’eòl dhuit a mheud ’S a tha do d’ chion-falaich air m’aigne gach là, ’S mo spiorad fo phramh ’g a ghiùlan. An cluinn thu, &c. Seall air a’ ghealaich air aghaidh nan speur, Nach caochail a cùrsa ’measg dùmhlas nan reul; Mar sin tha sìor iomairt mo chrìdh’ as do dhéigh, Bho ’n thug thu fo ghéill air tùs e. An cluinn thu, &c. Tha caoin shlios mo leannain mar eal’ air a’ chuan, Na ’s gile na’n fhaoileann air aodann nan stuagh; Mar shneachd air na beannaibh, mar chanach nam bruach, ’S i farasda, suairc’ ’n a giùlan. An cluinn thu, &c. ORAN LE DUGHALL MAC-PHAIL CEUDNA, AIR DHA BHI AIR AN RATHAD DO SHASUNN, ’S E ’N DEIGH A BHEAN AGUS A MHAC (DOMHNULL BEAG) ’FHAGAIL. A Dhòmhuill bhig, o hù o hó, A Dhòmhuill bhig, o hù o hó, A Dhòmhuill bhig, o hù o hó, Tha m’ inntinn trom o’n dhealaich sinn. A Dhòmhuill bhig, ’s tu m’ùigh a’s m’annsachd, ’S i do bhlàth-shuil grian mo shàmhraidh; Chlaon gach nì gu duibhre ’gheamhraidh; Bho’n a chaill mi sealladh ort. A Dhòmhuill bhig, etc. [TD 46] Dh’fhàg mi ’n nochd thu ’meag nan dù-Ghall, Ghabh mi fàth ’n uair bha do chùl rium; ’S cinnteach leam gu’n dean thu m’ iunndrainn Mu’n tig dùiseal cadail ort. A Dhòmhuill bhig, etc. Dh’ fhàg mi ’n diugh thu féin ’s do mhathair, As mo dhéigh ro chianail, cràiteach; Cruadhs’ na bliadhna, ’s cha ’n e ’n t-ailghios, ’Chuir an dràst do Shasunn mi. A Dhòmhuill bhig, etc. ’S trom mo ghleus ’s mi ’nochd ga ’r n-iunndrainn, ’S mi air barr nan strachd-thonn dùmhail, ’Fàgail Albainn air mo chùl-thaobh, ’Dol a null thar Berwick. A Dhòmhuill bhig, etc. Chì mi mach thar guala ’n fhuaraidh, Cladach garbh is gailbhich nuallan; ’S mòr gu ’m b’ fheàrr ’bhi ’fàgail Chluaidh, ’S a’ stiùradh tuath air “Ealasaid.” A Dhòmhuill bhig, etc. ’S beag tha dh’ fhios aig fleasgaich aosda, ’Liuthad anradh a’s cruaidh-fhaochnadh ’Th’ aig fear-teaghlaich air bheag maoin, A’ strì ri saoghal carraideach. A Dhòmhuill bhig, etc. Ach ged tha mi bochd ’n am chrannchur, ’S beag na th’ agam fhéin de fharmad Ris na fleasgaich sheasga, bharr-chruaidh, Ged robh sealbh air fearann ac’. A Dhòmhuill bhig, etc. [TD 47] Am fad ’s a gheibh mi biadh a’s aodach, ’S comunn blàth mo chéile ghaoil Le ’fiùrain òga ’fàs ri ’taobh, Cha chuir an saoghal smalan orm. A Dhòmhuill bhig, etc. Ged tha mise cian air fògar Bho na glinn ’s an goir an smeòrach, ’S ioma linn o n’ bha mo sheòrsa Eadar Ròthaill ’s Brathadal. A Dhòmhuill bhig, etc. ’S ioma ceàrn d’ an d’ rinn iad sgaoileadh Deas a’s tuath air feadh an t-saoghail; ’S iad na Goill ’s na caoirich-mhaola ’Chuir mo dhaoin’ air allaban. A Dhòmhuill bhig, etc. ’S ioma fàrdach fhialaidh, aoibheil ’Bh’ anns a’ ghleann am faight’ an aoidheachd, ’Tha gun cheann, gun chrùb, gun taobhan, Fo na caoirich Shasunnach. A Dhòmhuill bhig, etc. Gleann mo chridhe! gleann mo dhùthchais! Gleann nan roan ’s nam fuaran cùbhraidh! Na ’m bu leam ach trian de m’ dhùrachd, Sud an ùir ’s an caidilinn. A Dhòmhuill bhig, etc. A MHAIRI BHINN, MHEALL-SHUILEACH. A Mhàiri bhinn, mheall-shuileach, ’S toigh leam fhéin cruinneag a’ chruidh; ’S a nighean donn nam meall-shùilean, ’S, a Mhali, thug mi spéis dhuit. [TD 48] ’S mise tha gu brònach Nach d’fhaod mi fuireach còmhl’ riut, ’S mi ’tarruing air na ròpain, ’S a’ chòrcach air mo léine. A Mhàiri bhinn, etc. Air a’ mheadhon oidhche, Ged b’ ann am bàrr a’ chroinn e, Bhi ’cuimhneachadh do chaoimhneis Gu ’n d’ thug e roinn de m’ chéill uam. A Mhàiri bhinn, etc. ’N uair rachadh i do ’n bhuaile, A bhleodhan a’ chruidh ghuaillinn, ’S e ’n ceòl is binne chualas, A duanagan ga n’ éisdeachd. A Mhàiri bhinn, etc. Cha b’e meud do stòrais, A chuir mi fhéin an tòir ort, Ach caileag laghach, bhòidheach, Bhi còmhla rium ag éirigh. A Mhàiri bhinn, etc. ’S ann ’n sin a thuirt mo mhàthair, ’S i ’bruidhinn ann an Gàidhlig, “A mhic, na toir do làmh dhi, A’s iad a’ tàir gu léir ort. A Mhàiri bhinn, etc. “B’fheàrr leam na mo ghùn e, An latha b’fheàrr ’s a b’ ùir’ e, Gu’n tugadh tu do chùl rith’, ’S gu’n liubhradh tu dhoibh fhéin i.” A Mhàiri bhinn, etc. [TD 49] “Cuistibhse, a mhàthair, Agus fuirichibh sàmhach, Gur òg a thug mi gràdh dhi, Mu ’n càireadh i mo léine. A Mhàiri bhinn, etc. “B’fheàrr leam na mo chòta ’S mo léine ged bu shròl i, Gu’n robh mi fhéin ’s i pòsda, ’S gun chòir aig neach fo’n ghréin oirr’. A Mhàiri bhinn, etc. “Ma tha sinn gann de stòras Cha ’n eil sinn gann de ’n òige, ’S a chaoidh cha dìobair lòn sinn, Ma bhios sinn beò le chéile.” A Mhàiri bhinn, etc. DUANAG. AIR FONN:—“An Gille dubh cha treig mi.” LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN, NACH MAIREANN, A BHA ’S A’ MHORAIRNE. O, seinnidh mi mo dhuanag; Seinneam, seinneam suas i; Seinnidh mi do’n ghruagaich G’ am bheil an gluasad farasda. ’S moch a rinn mi éirigh ’S a’ mhadainn chùbhraidh, chéitein; Gathan ciùin na gréine A’ lasadh speur ’s a’ chamhanaich. A’ ghrian cho tlàth ’s cho òirdhearc, A’ soillseadh àird nam mòr-bheann; Smùid thar dhealt nan lòintean, ’S an druchd ’n a lòd air mheanganan. [TD 50] Sud e air an stùchd ud, An coileach dubh a’ dùrdail; So i ’chuthag shunndach, ’Sùrd aic’ air a caismeachd. Feuch an uiseag bhòidheach Ag éirigh as a’ mhòintich, ’S ag itealaich le sòlas Os cionn a còsaig fholaichte. Tha seillein beag na Bealltuinn ’Dol seachad oirnn a’s srann aig’, A thrusadh a mhil shamhraidh; ’S cha chuir an geamhradh ainnis air. Bho’n thuit dhomh bhi ’s a’ chòisridh, Seinneam leis a’ cheòlraidh— Seinneam duan do’n òigh ghil, Gu sunndach, deònach, caithreamach. ’S e smuainteachadh mu’n mhaighdinn Is àbhaist dhomh gach oidhche— A’ cuimhneachadh do chaoimhneis, ’S e chum an raoir am chaithris mi. Tha d’anail leam na’s cùbhraidh, ’N uair labhras tu gu ciùin rium, N’am barrach òg a’ brùchdadh A’ mach le tùis na meala dheth. Ach cia mar ni mi luaidh Air a’ h-uile dreach a’s buaidh ort?— Do nàdur geanmnaidh, stuama, Gu soitheamh, suairce, ceanalta. Cinnteach tha e ’n dàn domh, An gaol a thug mi mhàin dhuit, Nach dealaich e gu bràth rium Gus am fàg an anail mi. [TD 51] O, sonas agus àgh ort, Ri fad do rè ’s do làithean! ’S am Freasdal, anns gach àite, Le ’ghràsan, a bhi maille riut! ORAN. AIR FONN:—“Gu’m bu slàn gu’n robh ’m fiùran ’chaidh a null uainn thar sàile.” LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN, NACH MAIREANN. Ni mi òran le dùrachd, O hì na hì ù o, Do ribhinn a’ chùil duibh, ’S grinne sùgradh a’s mànran. Slàn iomradh gu d’ ionnsaidh; ’S tu ’chuireadh gu sunnd mi, ’N uair a chithinn do shuil ghorm A’ tionndadh gu blàth rium. Sùil ghòrm a’s tlàth sealladh, Lìonta, ciùin fo d’ chaol mhalaidh; Gruaidh mar ròs dearg ’n a earradh, Beul tana, ’s fiamh-ghàir air. Beul tana, glan, finealt’— Deud snaighte, ro dhìonach, ’Bu cheanalta brìodal, ’S o’n sìobhalta fàilte. D’ fhàilte ’s d’ fhuran a b’ fhiù leam, ’Tighin o’n anail is cùbhraidh Na barrach a’ brùchdadh Air ùr-dhos a’ Mhàighe. [TD 52] Gu bheil suairceas le ceanal Ann an gluasad na h-ainnir, ’Tha o ’bonnaibh gu ’ceannaidh Gun ainneamh, gun fhàilinn. Leam bu taitneach ’bhi ’sugradh, ’S ga d’ theannadh gu dlùth rium, ’S mo làmh ’bhi gu cùirteil A nunn fo d’ chùl fàinneach. Leat mo dhùrachd ’s mo bheannachd— Bidh mo rùn ort ri m’ mhaireann; Chaoidh cha trèig mi mo ghealladh Gus an dealaich am bàs sinn. MOLADH NA LANDAIDH. Hò ro Eileinich ho gù, Hò i rithil ho i thù, Hò ro Eileinich ho gù, Gu bheil mo rùn ’s an Landaidh. Chi mi thall ud an Aird-mhòr, Aite ’choilich dhuibh ’s a’ gheòidh; Ait’ mo chridhe ’s mo ghaoil, ’S an robh mi aotrom, ainmeil. Ho rò, &c. ’S ged tha ’n Landaidh creagach, ciar ’S moch a dh’ éireas oirre ghrian; Innis nam ba-laoigh ’s nam fiadh, ’S gu ’m b’e mo mhiann bhi thall ann! Ho rò, &c. [TD 53] ’S ’n uair a dh’ éirinn moch ’s an àird, Bheirinn sgrìob do cheann an t-sàil’— Bhiodh na lachan air an t-snàmh, ’S cha b’ fhad’ am bàs o m’ laimh-sa. Ho rò, &c. ’S tric a leag mi air a’ bhruaich Earba ghlas a’ mhuineil ruaidh; Bhiodh an liath-chearc leam a nuas, A’s coileach ruadh an dranndain. Ho rò, &c. ’S tric a leag mi air a thaobh An ròn ballach anns a’ Chaol,— Eala bhàn a’ mhuineil chaoil, A’s coileach fraoich nam beanntan. Ho rò, &c. ’S ’n uair a shuideamaid mu ’n bhòrd Cha b’ e ’m buideal beag ar leòir, Ach tosgaid do ’n fhìon dhearg ar còir, A’ tigh’nn á stòr na Frainge. Ho rò, &c. O, mo ghaol air Ile an fheòir, Far an d’ fhuair mi m’ àrach òg; Far am bheil na h-uaislean còir, Bu toigh leò ceòl a’s dannsadh! Hò ro Eileinich ho gù, Hò i rithil ho i thù, Hò ro Eileinich ho gù, Gu bheil mo rùn ’s an Landaidh. [TD 54] DUISGEADH NA GAIDHEIL. Oran do Réisimeid Ghàidhealach Ghlaschu. LE NIALL MAC-NEILL. Eireadh na gaisgich threun’— Feara na Gàidhlig— Deal mar bhoillsgeadh gréin’, Meirghe nan Gàidheal! Cuimhneachadh air na sàir Leantuinn Chlann-Dòmhuill, Teàrnadh sibh chum a’ bhlàir, Buadhachadh còmhla. Nochdar leibh gnàth nam Fiann; Sgapaidh sibh ’s sgoiltidh Feachdan bhur naimhdean dian’, Dìoghaltach, fuiltidh! Teannach’ ri guaill’ a chéil’, Beumaidh sibh sgairteil;— Gàidheil a chaoidh cha ghéill, Reubadh ’s a’ chasgairt. ’S iomadh a chì le uaill Uaibhrich an fhéile ’Nuair a bhéir sibh á truaill Lainn chruaidh le chéile. Gleidhear leibh nòs nan laoch ’S a’ ghaoir-chath tha meamnail, ’S cliù bheir gu tìr an fhraoich Mòr, saor, ainmeil. Smachdail mar bha sibh riamh Gluaisidh, ’s cha’n fhàilnich; Togaidh sibh suas gun fhiamh, Bratach na Gàidhlig! [TD 55] Dùisgidh sibh anns na Goill— Naimhdean ar dùthcha— Gealtaireachd annt’ mar thoill, Dh’ fhàgas gun rùch iad. Cuideachadh gheibh gach taobh, O Eilein ’s o Mhòrthir;— O fhineachan Mhuile nan craobh, Laochail ’s a’ chòmhraig; Sgiathanaich righinn nan euchd ’S an eug’bhoil bidh dlù duibh, Leòdhaisich a’s Ilich nach géill Teàrnadh fo’r cùlaobh. Ceanntirich’—tréin o chian,— ’S iarmad nan Catmhach, Gallaich nach d’ fhannaich riamh. Nisich a’s Peairtich, Thig leibh a dhìon bhur còir O Ghoill a’s o fhòirneart, A ghleidheadh duinn samhuil glòir, Mòrachd Chlan-Dòmhuill. HO RO, MO NIGHEAN DONN, BHOIDHEACH. Ho rò, mo nigh’n donn, bhòidheach, Ho rì, mo nigh’n donn, bhòidheach, Mo chaileag laghach, bhòidheach, Co phòsainn ach thu? A Pheigi dhonn nam blàth-shul, Gur trom a thug mi gràdh dhuit: Tha d’ iomhaigh ghaoil a’s d’ àilleachd, A ghnàth tigh’n fo m’ ùidh. Ho ro, &c. [TD 56] Cha cheil mi air an t-saoghal, Gu bheil mo mhiann ’s mo ghaol òrt; ’S ged chaidh mi uait air faondradh, Cha chaochail mo rùn. Ho ro, &c. ’N uair bha mi ann ad làthair, Bu shona bha mo làithean— A’ sealbhachaidh do mhànrain, A’s àille do ghnùis. Ho ro, &c. Gnùis aoidheil, bhanail, mhàlda Na h-òigh is caoimhe nàdur; I suairce, ceanail, bàigheil, Lan gràis agus mùirn. Ho ro, &c. Ach riamh o’n dh’ fhàg mi d’ fhianuis Gu bheil mi dubhach, cianail; Mo chridhe trom ga phianadh Le iarguin do rùin. Ho ro, &c. Ge lurach air a’ chabhsair Na mnathan òga Gallda, A righ! gur beag mo gheall-s’ Air bhi sealltainn ’n an gnùis. Ho ro, &c. ’S ann tha mo rùn ’s na beanntaibh, Far bheil mi ribhinn ghreannar, Mar ròs am fàsach Shamhraidh, An gleann fad’ o shùil. Ho ro, &c. [TD 57] Ach ’n uair a thig an Samhradh, Bheir mise sgriob do ’n ghleann ud, ’S gu ’n tog mi leam do ’n Ghalldachd, Gu h-annsail, am flur. Ho ro, &c. ORAN LE GILLE OG, ’S E AN DEIGH SEANN TE A PHOSADH. O hù o ro hù o hì hù o-rò éile O hù o ro hù o. Righ, gur mis’ th’air mo sgaradh, Bho gheamhradh na gaillinn, ’S o thoiseach an earraich; ’S cha dean aithreachas feum dhomh. O hù o ro, etc. Righ, gur mis’ bh’air mo bhuaireadh, ’Dhol a phòsadh nighean tuath’naich, ’S ged bha crodh air a buaile, Cha’n fhuaigh i mo léine. O hù o ro, etc. ’S iomadh cailleach dhubh, ghrànnda, Bhitheas greis aig a màthair, Bhitheas a’ ceiltinn a fàilinn, ’S a droch nàdur ’n a dhéigh sin. O hù o ro, etc. Ach bheirinn comhairle air oigear, Bhi gu foinnidh, deas, boidheach, Gun e thréigsinn na té òig, Air son stòr na té léithe. O hù o ro, etc. [TD 58] ’S bheirinn comhairle air caraid, Gun e ’threigsinn a leannain, Ged a bhiodh i cho falamh, ’S nach gealladh i spréidh dha. O hù o ro, etc. ’S ged tha corr a’s tri-fichead, Aig brònaig ’s a’ chiste, Ged ’fhuair mise sud leath’, ’S lag a’ mhisneach dhomh féin e. O hù o ro, etc. ’N uair a thiginnse dhachaidh, ’S mo ghunna am achlais, Bhiodh ise ’n a laidhe, ’S mo thrath-maidne gun ghréidheadh. O hù o ro, etc. Labhair mise gu ciallach, “Righ, beannaich thu, chiallain, Ma ni thu mo bhiadh dhomh, Cha’n iarr mi bonn feum dhiot.” O hù o ro, etc. Ach labhair ise gu crosda, ’S i ’cur oirre droch coslais, “Thug mi dhuit mo chuid tochair, ’S cum socair ’n a dhéigh mi.” O hù o ro, etc. Ach an cluinn thu mi, Shìne, Na biodh ortsa bonn mi-thlachd, Mu’n tig an Fheill-Brighde, Bithidh crioch air an té so. O hù o ro, etc. [TD 59] ’S ’n uair thog iad an seòltan, ’S a chaidh iad an òrdugh, Cho cinnteach ’s is beò mi, Thainig ceò air mo leirsinn. O hù o ro, etc. Ach tha’n caolas so lionta, ’S a’ chas ghoirid g’a sineadh, ’S na ’m bithinn-se ’n Ile, ’S mi dh’innseadh mo sgeul dhuibh. O hù o ro, etc.] ORAN GAOIL. ’S mòr mo chùram ’s mi g’a stiùireadh; ’S i long mhòr nan tri chroinn ùr i; ’S ged is taitneach leam a cùrsa, B’anns’ bhi ’sùgradh ri mo cheud-ghaol. Moire, ’s mise tha fo mhi-ghean, A’s mi ’n so ’s a’ mhuileann mhinich, Ceann na h-ùine oirnn air crionadh A sheòladh do thir Van-Diémen. ’S mòr mo chùram, etc. Tha mi ’n diugh a’ dol ga d’ fhàgail, ’S air m’fhacal, ’s cruaidh leam e, Mhàiri, ’S mi nach earbadh tu ri m’ bhràthair, Ged ’s e mac mo mhàthar fhéin e. ’S mòr mo chùram, etc. Tha mi ’n diugh a’ dol a sheòladh, ’S beag mo shunnd ri gabhail òrain, An fhairge domhain ’s a, ghaoth comhl’ ris. A stroiceadh nan seòl as a cheile. ’S mòr mo chùram, etc. [TD 60] Moire, ’s mise ’tha gu brònach, Moch ’s a’ mhadainn ’deanamh òran, Fuaim nan tonn an dèigh mo leònadh, ’S olc an ceòl a bhi ga’n eisdeachd. ’S mòr mo chùram, etc. ’S ann Di-mairt a rinn sinn gluasad; Bha gaoth ’n earra-dheas, ’s frasan fuar ann; Ise marcachd nan tonn uaine, ’S iomadh stuadh a rinn i ’reubadh! ’S mòr mo chùram, etc. Shil a’s shéid a’s dh’at an fhairge, Bha ì faibh cho luath ri earba, Chaidh an centre-bit ’n á spealgan; ’Stiùir no ailm cha deanadh feum oirr’. ’S mòr mo chùram, etc. Ach na mhaireas dhomh mo shlàinte, ’S cùisean a dhol mar is àill leam, Tillidh mi fhathast gu Mairi, ’S glacaidh mi air laimh a’ pheucag. ’S mòr mo chùram, etc. ’Nuair ràinig mi Allt-na-lughdaig ’S ’n uair a sheall mi air mo chùl-thaobh, Shil na deòir a nuas le m’ shùilean, A chiall ’s a rùin, gur mi bha deurach! ’S mòr mo chùram, etc. Mu ’s e ’neach a theid do dh-Ile thu, Ni mi litir bhàn a sgriobhadh, Far ’bheil màldag nan sùl mìogach, ’S òg a thug mi fhéin mor-spéis dhi! ’S mòr mo chùram, etc. [TD 61] LILIDH. LE. N. MAC-NEILL. A Lilidh ghrìnn, a Lilidh ghaoil, Bu chaoine leam bha d’ òran, Na mìle teud gu fonnmhor, caomh An raon na coille dòmhail, ’N uair dhùisgeadh séis nan allt ’s na gaoith, Gu fuaimneach, gaoireach còmhla; Thug d’ fhailte ghaoil le tuigse naoimh, Gràdh Daonna ’s Néimh gu córdadh. A Lilidh bhinn, a Lilidh chòrr, O, mils’ do phòig, ’n uair dh’ fhàg mi! Do m’ chrì aon chaoimhneas gaoil cha b’ eòl Ach leòn nach searg gu bràthach; Bha seirbhe dhian a’ claoidh mo threòir Le deòir á inntinn chràitich; ’S luidh neulaibh cian’ le sileadh bròin Air m’ oig’ dh’ fhàs tiamhaidh ànrach. A Lilidh chaoin, a Lilidh bhàn, O c’ ait am bheil ar bòidean! Dh’ fhàs mise truagh o ’n bhacadh gràs O ’n Aird a m’ chumail còmhnard; O m’ anam claoidht’ an doimhneachd cràidh Nach tràigh cho fad ’s is beò mi!— ’Na pian bidh cuimhne m’fhoill gu bràth ’S i saor o bhàs a’ m’ òran. O Lilidh ghaoil! A ghaoil! Gabh truas! Oir chuartaicheadh o Nèamh mi Le mallachd thruim a’s seargadh cruaidh Air nach téid luaidh fo ’n ghréin so! [TD 62] O! maitheanas cha ’n iarr mi uait; Cha ’n fhuasgail sud o ’n phéin mi; Rinn mi long-bhriseadh searbh; ’s á cuan Na truaigh cha ’n iarr mi éirigh! DEOCH-SLAINT AN OIGHRE. Olaidh sinn deoch-slàint an oighre, ’S toigh leam fhéin i, ’là ’s a dh-oidhche; Sùgh an eòrna, fear mo chaoimhneis! ’S cha bhi faoighneachd, “Ciod e phris?” ’S mi gu ’n òladh i, ’s gu ’m pàigheadh, Do’n stuth chruaidh á cuach a’ Ghàidheil, Dh’ òlainn deoch-slàinte nan àrmunn, A sheasadh an làrach leinn. Olaidh sinn, etc. Gur deas an Gàidheal an t-oighre, Dòmhnullach cho àrd ’s a stylear, ’N uair gheibh thu gu d’ làmh an oighreachd Théid na Goill a chur fo chìs. Olaidh sinn, etc. Saoghal fada, maireann, buan dhuit, ’Thogail do chuid màil thar tuatha! ’S gur a bliadhna leinn gach uair A bhios tu bh’uainn gun tigh’n do ’n tìr. Olaidh sinn, etc. Saoghal buan duit a’s buaidh làrach, ’S tu sheasadh air cheann nan Gàidheal, Gu ’n toirt an coinneimh an nàmhaid, ’N uair a chluinnte gàir na pìob. Olaidh sinn, etc. [TD 63] ’S na ’n éireadh dhuinn càs no cruadal, Dh’ éireadh Dòmhnullaich ’s Cloinn-Ghuaire, Deas gu sgoltadh cheann a’s chnuacan, S iad gu ’m buannaicheadh an strì! Olaidh sinn, etc. Dh’ éireadh Stiùbhartaich bho ’n Apainn, Camaronaich bho Dhoch-an-fhasaidh Le’n claidheamhnan geura, sgaiteach, Tigh’n a stigh fo bhrataich leinn. Olaidh sinn, etc. Neach nach cumadh leinn an t-òrdugh, Cuiridh sinn taobh mach na còmh’l e; “A bhean-an-tighe, dùin an seòmar, Cha bhi h-aon d’ a sheòrsa leinn!” Olaidh sinn, etc. Far ’m bi ’n t-òl bidh ceòl a’s aighear, Greis air cloich a’s ùird ga cath ann, Ruith a’s leum aig gillean sgàirteil, A’ cur air luchd-casaid gill. Olaidh sinn, etc. Sealgair féidh am beinn nan stùc thu, Marbhaiche bric ri madainn dhriùchd thu, Giomanach gunna nach diùltadh, ’S bidh tu air do ghlùn ’s an fhrìth. Olaidh sinn, etc. Giomanach gunn’ a’ bheòil bhoidhich, Leagadh tu damh donn na cròice, Sealgair coilich-dhuibh a’s geòidh thu, A’s mhealladh tu na ròin mu thùr. Olaidh sinn, etc. [TD 64] Moire, ’s e mo ghaol-s’ an t-òigeir, Dòmhnullach a’ bhroillich bhòidhich! ’S e chuir mi cho fad an tòir ort, Thu bhi ’giulan còt’ an rìgh. Olaidh sinn, etc. BOICHEAD. LE N. MAC-NEILL. Tha m’ intinn sgìth bhi cuimhneach’ Air caoimhneasaibh do bheòil; ’S nach fhaic mi là no dh-oidhche Aon bhoisg’ air té do neòil. O nach robh mise làmh riut, A ghràidh mar b’e ar nòs, Ag òl mar mhil do mhànrain, Bhiodh tairis, blàth, a’s fòil. Tha maise thar gach gruagaich A’ cuartachadh do ghnùis ’S mu d’ phearsa chuimir, shuairce Tha suaicheant’ do gach sùil; Ach bòichead tha ni ’s àirde: Bhi dìleas, gràdhach, ciùin, Bhi sealbhachadh deagh bheus— ’S leat féin sud uile, rùin! Tha mais’ ann fath’st is miannaich’— Bhi diadhaidh ann an gné; ’S e so am Fuaran fìor O ’n dh’ iadh gach mais fo ’n ghréin; ’S e so rinn thusa sgiamhach, A’ riarach m’ aigne féin; ’S a naisgeas sinn gu sìor, Mu rìgh chath’r Mais’ air néamh. [TD 65] DOMHNULL CIOMAINEACH. Horò, Dòmhnull Ciomaineach, Rinn Alasdair a’ bhrigis dha, Agus jacket sgiobalta, ’S cha ruigeadh i na másan. “Tha i cumhann, tha i teann,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Sin agad an t-aodach gann,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. “Tha poca mòr air a cùl,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Sin agad am fasan ùr,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. “Bha thu aig mo bhanais fhéin,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Mu bha gur beag na fhuair mi dh’ fhéisd,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. “Dh’ ith thu cearc air t-aghaidh fhéin,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach, “Cha d’ ith mi dhi ach bàrr na sgéith,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. “Roinn mi air na h-igheanan i, ’S beag a bha de shithinn oirre, ’S ged nach fhaighinn idir i Cha bhithinn ach mar bha mi.” Horo, etc. [TD 66] “Dh’ ith thu marag an reith ghlàis,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Ma dh’ ith, cha bu mhath a blas,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. “C’ arson a leag thu ’n gàradh-crich?” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “An crodh a leigeil sios ’s a nios,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. “’D é th’agad anns a’ phoit?” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Pàirt de mharagan a’ mhoilt,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. “Bidh iad math ’n uair bhios iad bruich,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Cha téid gearradh ann ad bhus,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. “Ach ma bha thu air an fhéill,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach, “Bidh na caileagan am dhèigh,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. “Ach ma cheannaich thu cir-chuil,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “’S cinnteach gu’n do chosd i crùn,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. [TD 67] “’S e tortoise shell a bha ’n a cùl,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Sin agad am fasan ùr,” Arsa Alasdair Tàillier. Horo, etc. “’S ann agad a tha’n droch bheul,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Tha thusa ’g innseadh nam breug,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. “Tha mise toileach gabhail ort,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “’D é ’n riasan th’ agad dhomh?” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. B’ i sud a’ chàraid iongantach, ’N uair thòisich iad air ruigheachas, Chuir Alasdair ’s a’ mhionaid e, ’S an innidh air a mhàgan. Horo, etc. ’S E ’N T-EILEAN UAIN’, ILEACH. LE N. MACNEILL. ’S e ’n t-Eilean uain’, Ileach tìr bhòidheach mo ghràidh; ’S e ’n t-Eilean uain’, Ileach is feàrr leam gu bràth; A dhoireachan fasgach, ’s a mhachraichean réidh Cha dìoch’nich mi chaoidh ge b’e àite d’an téid. Bi soillse an là tha ma coimhead a’ chuain, A dh’ fhaicinn na tràghadh is tlachdmhoire fùaim, Nan gleanntan glas, fàsmhor tha ’g àrach an fhéidh, ’S a ’n cluinnear ’s a’ mhaduinn ceòl àghmhor nan eun. [TD 68] Ged tha mi fad as tha mo ghaol dhuit gun sgìos, ’S théid fathast thar mara a dh’ fhaicinn do thìr; A dh’ fhaicinn an réidhlein a dh’ fhàg mi ’s mi òg, A ghlacadh mo chàirdean gu caidreach le pòig, ’S e ’n t-Eilean uain’, Ileach tìr bhòidheach mo ghràidh; ’S e ’n t-Eilean uain’, Ileach is feàrr leam gu brath; A dhoireachan fasgach, ’s a mhachraichean réidh Cha dioch’nich mi chaoidh ge b’e àite d’an teid. ORAN DO ESTER NIC-NEILL. LE NIALL MAC-A-PHI. A mhaighdean òg nam meal-shùilean, Dh’ fhàs ceanalt’ ann ad ghluasad, Cha ’n fhaod mi fhéin gu ’n ceilear leam Gach eireachdas mu’n cuirt duit. ’S o ’n tha mi ’n so am ònar ’S mi’ m shuidhe ’n seòmar uaigneach, Teannaidh mi ri òran Do ’n òg-mhnaoi thug mi luaidh dhi. A mhaighdean òg, &c. Mhaighdean òg de Niallaich, Am bliadhna rinn mo bhuaireadh; Bho ’n chunnaic mi Di-ciadain thu Tha fiabhrus air mo bhualadh. A mhaighdean òg, &c. Cha ’n fhiabhrus e tha gabhaltach, Ach ’s galar tha ro-thruagh e, Neach air bith a dh’ fhairich e, Gu ’n d’ chum e ’chadal luaineach. A mhaighdean òg, &c. [TD 69] ’S aithne dhomh do sheòrsa, Tha mòran dhiubh ’n an uaislean,— Bu lionmhor ’n arm Righ Deòrsa iad; ’S gach còmhrag bheirteadh buaidh leò A mhaighdean òg, &c. Seang chorp fallain, fìnealta, Fo lic is mìn-dearg gruaidhean, ’S ma chreideas sibh an fhìrinn bhuam, Tha mìltean oirre bhuaidhean. A mhaighdean òg, &c. Calpa cruinn, deas, cumhachdail, Troigh chuimir am bròig uallaich; Bho ’n thug mi fhein an t-urram dhuit, Co ’nis a chumas bhuait e? A mhaighdean òg, &c. Ged bhiodh tu gann de storas, Gun chrodh mu d’ chrò air buailidh, Chumainn ann an òrdugh thu Le sìod’ a’s sròl mu d’ ghuaillean. A mhaighdean òg, &c. Na ’m faighinn toil do mhàthar, ’S do chàirdean gun bhi ’n gruaim rium, Gu ’n rachainn thar an t-sàile leat, Thar bhàrr nan tonnan uaine. A mhaighdean òg, &c. Rachainn ’Thìr-an-eòrna leat, No ’Steòrnabhadh ’n taobh tuath leat, Dheanainn àird air aran duit, Le fallas air mo ghruaidhean. A mhaighdean òg, &c. [TD 70] GEARAN GAOIL. LE N. MACNEILL. A ghathan gréin’ a las trè neoil An òig’ na maidne ciùine, Bidh cuimhne gheur leam féin ri m’ bheò Air bòichead na bha dlùth duinn, ’N uair luidh bhur leus air stùc a’s lòn Toirt deò a’s càil às ùr duinn, A’s sinne ’n glacaibh gaoil gun ghò Air bruachaig fheòir ghlàis, chùbhraidh. An d’ thug sibh leibh air sgéith bhur soills’ An t-aoibhneas bha ’n ar sùgradh Gu tir a’ Ghil far nach ’eil doills’ A chaoidh ri faicinn dlù di? A cheòlairean a b’ fhonnmhoir’ dàin A’ snàmh an tlàs coill ùrail’, An cuimhne leibh a’ mhaduinn ghràidh A dh’ fhàs a nis cho ciùirteach? Bu mhaiseach àill’ nan craobh mu’n cuairt ’S iad uaine fo lì gréine! Is b’ ait an sealladh amharc suas Air snuadh na doimhn’ ’s na speuraibh; Ach dh’ fhalbh gach àgh, a Lilidh bhàn; Tha cràdh an àite éibhnis; A’s slige ghràidh air lìonadh làn De leòn nach tràigh ’s nach tréig sinn. ORAN. LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN, NACH MAIREANN. Gur moch rinn mi dùsgadh, ’s an ùr mhadainn chéit’, ’S a dhìrich mi ’m bruthach gun duin’ ach mi féin; Tha ghrian air a turus a’ siubhal troimh ’n speur, Dealt na h-oidhche a’ tuitlinn thar ùr dhos nan geug. [TD 71] A dìreadh an aonaich ri aodann a’ chùirn, ’S binn torman a’ chaochain is aoibheala bùrn, Le ’ròis air gach taobh dheth ag aomadh fo ’n drùchd, ’S e ri dearrsadh na gréine ag éirigh ’n a smùid. ’S binn na h-eòin feadh nam preasan gu leadarra ’seinn; Tha ’n uiseag làn sòlais ri ceòl os mo chionn; Na ba-laoigh anns a’ gheumnaich air an réidhlin ud thall, ’S mac-talla nan creagan ’g am freagairt air ball. ’S àluinn trusgan a’ ghlinne suas gu binnein nan stùchd; ’S cùbhraidh bòltrach nan luibhean ’n am chuinnein mar thùis; Ged ’s bòidheach gach doire anns a’ choille ’s a’ bhrùchd, Ged tha ’m barrach cho ùrail cha duisg e mo shunnd. An so air faobhar a’ mhullaich gur muladach mi— Ceann-aobhair mo thuiridh, leam gur duilich r’ a inns’, Nach dirich mi tuille ri munadh ’s an tir— Nach dean mi cùis-ghàire ’n ghleann àillidh mo chrìdh’. Cha ’n ’eil gleannan cho aoibheil ri ’fhaotainn mu’n cuairt, Le d’ bheanntainean àrda ’cur sgàth ort o’n tuath; Ann an dùdlachd a’ gheamhraidh gun ghreann ort, gun fhuachd— Mo sgaradh ’s mo chràdh-lot a bhi d’fhàgail cho luath! Ged is iomadh fear fìnealt’ anns na h-Innsean ud thall, ’Chaidh a dh-iarraidh an stòrais, o’n tha ’n t òr oirnn cho gann; Am fear ainneamh de ’n àireamh a thig sàbhailt’ a nall, ’Na bhodach gun spéirid, odhar, éisleineach, fann, Air tilleadh do ’n dùthaich, ’s e ’dhùisgeas am bròn, ’Bhi ’faicinn m’a choinneimh luchd-comuinn na h-òig’, Cho sunndach, geal, loinneil, ged tha ’ghoinne ’n am pòc— Gun uireasbhuidh slàinte, ged tha iad gun stòr. ’S mairg a mholadh na h-Innsean ’s gach rìoghachd o dheas, ’S am bi cholann ’s an inntinn, ’g an strìochdadh le teas; Far nach urrainn dhuit gluasad gun fhuathas a’s geilt; Agus uamh-bheist ’g a chùbadh fo dhùiseal nam preas. [TD 72] ’S mi ’ghluaiseadh gun smalan ann an gleannan an àigh— ’S moch a shiùbhlainn do phreasan gun teagamh, gun sgàth; Anns an òg mhadainn chùbhraidh, ’n uair bhiodh drùchd air gach bàrr, Nàile dhìrinn ri d’ stùchd bheinn gun chùram roimh nàmh! Ach ’s tiom dhomh bhi ’g éirigh, ’s bhi téurnadh o’n àird; Cha dean luinneagan feum dhomh, cha dean éigheach dhomh stàth, Feuch am bàta fo ’comhdach aig còmhnard na tràigh, Tha gu m’ ghiùlan null thairis á gleannan an àigh. Bheir mi sùil thar a’ bhealaich air na beanntan mu ’n cuairt; So an sealladh mu dheireadh air gach gleannan a’s bruach A’ fàgail leibh beannachd, ’n àm dealachadh uaibh, A téurnadh an aonaich ’s iad mo smaointean ’tha truagh. Ach ’s diomhain mo smaintean; nach faoin dhomh bhi ’caoidh; Cha ’n ’eil neach anns an t-saoghal ’g a fhaotainn le dhiù; Ge blàth an fhuil chraobhach ’tha ’taosgadh o m’ chrìdh, ’S ro ghearr gus nach plosg i fo phlocan ’s a’ chill. ’Thi ’chruthaich an saoghal, ’s a chuir na daoine so ann, ’S a thug dhuinne Fear-saoraidh a dh-aontachadh leinn, Tha thu ’g éisdeachd ri m’ òran, cho brònach ’g a sheinn, ’Bìdh mi ’striochdadh do d’ òrdugh, bheir thu dhomhsa mo roinn. CUMHA. AIR FONN—“O, ’s toigh leam mo nìonag.” LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN, NACH MAIREANN. Thàinig sgeula mo chruadail, Gun do chuir iad ’s an uaigh thu; ’S goirt mo chridhe bho ’n chuala, Ged nach d’ fhuasgail mo dheòir. [TD 73] Tha do leaba lom, fuaraidh, ’S trom do chodal, ’s ro bhuan e; Chaoidh cha ’n éisd thu ri m’ luaidh-sa, ’S cha ghluais thu ri m’ cheol. Bha do ghluasad gun eucoir, Gun uireasbhuidh céille; Leam bu taitneach ’bhi ’g éisdeachd Ri séisde do bheòil. Tha do bheul a nis dùinte, Cha ’n ’eil léirsinn ’n ad shùilibh; ’S fuar an cridhe ’bha muirneach, Anns an ùir, ’s e gun dheò. Mar bhuannaich am bàs thu Seach na dillsean ’tha làthair, Cinnidh feanntag ’s a’ ghàradh, ’N uair thig fàilinn ’s an ròs, Sud an ròs a bha cùbhraidh, Air geug nan dos ùrail; B’ òg ’s a’ mhadainn e ’brùchdadh— Sheachd a’s shùigh e trà-nòin. Chuir thu mise gu smaointean, Nach innis mi ’dhaoine; ’S mairg chuir uigh anns an t-saoghal— ’S iomadh caochladh ’teachd oirnn! Ged tha càirdean gu deurach, ’S faoin an cumha leam féin e, ’Theid gu cuirm a’s cùirt éibhneis, ’Giulan éideadh a’ bhròin. Ged tha m’ éideadh gun mhùthadh, ’S mi gun deur air mo shùilibh, Gus an cuir iad ’s an ùir mi, Bidh mi ’d iondrainn ri m’ bheò. [TD 74] Chionn bu toigh leam an nìonag— Bu ro thoigh leam an nìonag! Mo sgeul dubhach ga innseadh, Thu ’bhi ’d shìneadh fo ’n fhòid. DEALACHADH. LE N. MAC-NEILL. Ged a rinn sinn dealach’ Ann an toiseach Mhàigh, ’Tha do neul is banail’ Mairean leam gach tràth; Aogas sona, àghmhor, Sèamh mar fhàir an là, Boillsgeadh air mo cheumaibh Mar dhril reul nan àrd. Séis.— O mo rìbhinn ghaolach. O mo chaomhag shuairc; ’S e bhi dearc’ air caoine D’ eudain ghlain gun ghruaim Ni mo chridhe ùrach’ Mar le driùchd o shuas; ’S annsa d’ anail chùbhraidh Na deò ciùin nan stuadh. Mar dhreach tlath nan neula Air na speuraibh lom, Tha lì d’ fhuilt fa d’ ìomhaigh, ’S air do chiabhaibh donn; Deud is gil’ ri fhaicinn, ’N uair a’s tlachdmhoir’ d’ fhonn, Na na sligean sneachd-gheal, Glan o chop nan tonn! [TD 75] ’S e caomh bhraon do ghràidh-sa Dh’ fhàg mi fionnor ùr; ’S tha mi ghnàth a’ sireadh Dìreadh suas nan stùc; ’N uair bhios deuran fallais ’G uisgeachadh mo chùrs’, ’S tusa fàth mo shòlais, M’ ainnir òg, ’s mo rùn. ’N uair is duirche m’ oidhche, ’S mi gun soills’ gun treòir, Tha grad aiteal m’ inntinn A’ leum siar ad chòir; ’S théid mi troimh gach cruaidhchàs Chosnadh buaidh do phòig, Dh’ fhaotainn seilbh gu bràthach Air do làimh fa-dheòidh. SORAIDH LEIS A’ MHAIGHDINN. Soraidh leis a’ mhaighdinn a tha gun ghruaim, ’S an a tha mo ghaols’ ann an Gleanndaruail, Soraidh leis a’ mhaighdinn a tha gun ghruaim. Soraidh uam thar tuinne, far am bheil a’ chruinneag, Mur dean saor a’ ghiubhais d’fhuaran a thoirt bhuam. Soraidh, etc. Soraidh bhuamsa thairis, o ’n Mhorairne ghleannaich, Far am bheil mu leannan—caol mhala gun ghruaim. Soraidh, etc. Cha téid fois no tàmh dhomh, ma ni paipeir bàn e, Gus an cluinn mi ’n d’ ràinig an té bhàn gun ghruaim. Soraidh, etc. [TD 76] Sgrìobhaidh mi do litir, cuiridh mi ’n a drip i, Falbhaidh i gun fhiosda, ruigidh i Di-luain. Soraidh, etc. Ged thigeadh ga d’ iarraidh, Morair agus Iarla, Na gabh h-aon diubh ’m bhliadhna, ’s mise, chiall, bhi bhuait. Soraidh, etc. Ged thigeadh ad fharraid diuc agus fear-fearainn, Fan thusa mar th’ agad—banail mar bu dual. Soraidh, etc. Ged thigeadh an tàilleir le ’shiosar ’s le shnàthaid, Feuch nach gabh thu pàirt ris—biodh do nàdur buan. Soraidh, etc. ’N uair dhireas mi ’n t-aonach a shealltainn air na caoraich, ’S tric mo shùil gach taobh dhiom, ’n tig a’ ghaoth o’n tuath. Soraidh, etc. ISE— ’S e mo ghaol an cìobair, ni ’m bruthach a dhìreadh, Cha dean mi do dhiobair air son mi-run sluaigh. Soraidh. etc. OGANAICH AN OR-FHUILT BHUIDHE. RINNEADH AN T-ORAN SO LE MAIGHDINN OIG, DO DHUINE UASAL A BHA ’N A LEANNAN AICE. SEISD.— Oganaich an òr-fhuilt bhuidhe, Leat a chinneadh sealg a’s siothionn; ’S ann ad ghruaidh a bhiodh an rudha, ’N uair a bhiodh tu ’siubhal bheann! ’N uair a dhìreadh tu na stùcan Leis a’ ghunna chaol nach diùltadh, ’S i do luaidh ghorm a’s d’ fhùdar, Chuireadh smùid air feadh nan gleann. Oganaich, &c. [TD 77] Domhsa b’ aithne cuid de d’ àbhaist, Ged nach innis mi ach pàirt deth— Siothionn a beinn a’s iasg á amhainn ’N uair a thairngeadh càch an t-srann. Oganaich, &c. Oganaich an òr-fhuilt shnìomhain, D’ fhag thu saca trom air m’ inntinn; ’S mur a till thu nall do ’n tìr so, Mo thoil-inntinn bidh air chall. Oganaich, &c. Gur léir a bhlàth air mo ghruaidhse, Gu ’n tug mi dhuit gaol nach fuaraich; Dh’ innis iad gu’n d’ thug thu fuath dhomh, Ach cha chreid mi, luaidh, an cainnt. Oganaich, &c. Ach nam biodh e mar bu mhaith leam, Bhiodh tu ’d fhactor air an fhearann, Do chòir sgriobht’ o laimh Mhic-Cailein— Cha bhiodh mo’ earrannsa dheth gann! Oganaich, &c. Ged a bhithinn ann an iaruinn, Fhad ’s bu beò mi ga m’ phianadh, Cha leig mi do ghaol air diochuimhn’— So a’ bhliadhna ’liath mo cheann. Oganaich, &c. THOGAINN FONN AIR LORG AN FHEIDH. Bheir mi hó air mora hó, Ithìll ó air mora hé; Bheir mi hó air mora hó, Thogainn fonn air lorg an fhéidh. [TD 78] ’S miann le breac a bhi ’n sruth cas, ’S miann le boc bhi ’n doire dhlùth, ’S miann le eilid bhi ’m beinn àrd, ’S miann le sealgair falbh le ’chù. Bheir mi, &c. Cha mhiann bodaich mo mhiann féin— Cha mhiann leis éirigh ach mall; Cha lùb gruagach n a sgéith; Tairngidh e leis féin an t-srann. Bheir mi, &c. Nithean sin do ’n d’ thug mi spéis, ’S bu mhiannach leam iad bhi ’m chòir: Mo ghunna glaic air deagh ghléus, Direadh ri beinn, a’s bean òg. Bheir mi, &c. ’S nithean sin do ’n d’ thug mi fuath: Do bhean luath ’s do chù bhiodh mall, ’S do shean daoine nach biodh glic; ’S do bhean bhig nach altrum clann. Bheir mi, &c. Bu mhiann leam ri latha fuar, Dìreadh suas ri aonach cas, ’N uair a thilginn mac an fhéidh, Coin air éill, ’s ga ’n leigeil as. Bheir mi, &c. Leam bu mhiann bhi ’siubhal bheann, Osan teann a bhi mu m’ chos; Brogan iall a’s gunna cruaidh, Eilid ruadh a’s cù m’a dos. Bheir mi, &c. [TD 79] ’S ged fhaighinn bean a’ chinn bhàin, Air mo laimh, bu bheag mo spéis; ’S mor gu ’m b’ annsa leam bean dhonn ’Bheireadh trom-ghaol domh le céill. Bheir mi, &c. Nighean Uilleim anns a’ ghleann, Bean a b’ annsa leam fo ’n ghrein; ’S na ’m biodh Uilleam ann am Blàr, Gheobhainnse mo ghràdh, dhomh féin. Bheir mi, &c. ’S mo cheist air bean a’ chinn duibh, ’S docha leam i ’n diugh na ’n dé; Mheud ’s a chuala mi de ’cainnt,— Gur i b’ annsa leam fo ’n ghréin! Bheir mi, &c. ORAN GAOIL. ESAN.— Thug mi ’n oidhche ’n raoir sunndach, Beatadh dlù ris a’ chaladh, Gus an d’ ràinig mi ’n t-àite, Far an d’ fhàg mi mo leannan. Fhuair mis’ i ’s i pòsda, Ri fear òg aig a’ bhaile, Le suaim dhaingeann nach fhuasgail, Dh’ fhàgas truagh mi ri m’ mhaireann. ’S truagh nach robh mi ’s mo leannan, Ann an gleannan a’ cheòbain, No ’n iomall na coille, Far an goireadh an smeùrach; [TD 80] Bhiodh mo làmh, a ghaoil, tharad, ’S mo cheart air’ air do phògadh, ’S an làmh eil’, a ghaoil, sìnnte, Fo d’ chùl snìomhain donn, bòidheach. ISE.— Thug mi gean agus rùn dhuit, A chiall iùil agus aithne; ’S mi gu’n larbadh mi fhéin riut, Naoi mìle o’n bhaile, Còig bliadhn’ agus raithe, Bho ’n bha mi ’n geall ort, a leannain; ’S beag an t-ioghnadh mar tha mi, Bhi cho cràiteach ga d’ ghearan. ESAN.— Mo mhallachd air gach duine, Rinn ar cumail o’ chéile; Tha mi ’m bliadhna ’s an uiridh, Fo mhulad mu d’ dhéighinn; An toll chaidh am chridhe, Cha leighis lighich no léigh e, Gus an téid mi ’s an anart, A’s fo sparradh na déile. Mo chiall a’ mhnathan an t-saoghail, Cuim’ nach fhaodadh tu falbh leam? Dean deas do chuid aodaich, ’S gu ’m faodamaid seóladh. Gheibh sinn bat’ ar toirt thàiris, ’S gillean grad ’chuireas seòl rith’, ’S théid sinn thàiris do dh-Eirinn, Far nach eubh iad ri’m beò sinn. ISE.— ’S, a chiall a dh-fhearaibh an t-saoghail, Tog de d’ chaoineadh ’s de d’ mhulad, Siubhail, àmhairc mu’n cuairt ort, Bi gu cruadalach duineil; [TD 81] Sùil amach anns gach àite, ’S gheibh thu màldag bhios lurach, ’S leig dhomhsa mar tha mi, ’Dol bàs leis a’ mhulad. ESAN.— Ach ma chaidh thu, ghaoil, thairis, ’S nach leannan thu dhòmhsa, Gu’n cluinn mi ga aithris, Gur neach air deagh dhòigh thu, Le crodh druimionn a’s guaillionn, Air do bhuaile mar chomhla; Té éile ga ’n cuallachd, A’s thusa fuigheal ad sheòmar. ISE.— Bheirinn comhairl’ air caileig, Gun bhi amaideach, gòrach, ’S gun i thoirt a gaol-falaich, Do bhalach air bhòi-chead; Ged bhios e beulach a’ tighinn, Bidh a chridhe fuar, reòta, ’S bidh a shùil a’s a dheigheadh, Dh’fheuch co roghainn is bòidhche. CRUINNEAG BHOIDHEACH A’ CHUIL BHUIDHE. SEISD:— Cruinneag bhòidheach a’ chùil bhuidhe, Gruaidh mar ròs ’s a pòg mar ubhal; Cruinneag bhòidheach a’ chùil bhuidhe, Tha mi fo leann-dubh ad dhéigh. Moire, ’s mis’ a tha fo mhulad, Bho ’n là fhuair mi sgeul na dunach! Thug iad uam thu ’luaidh gun fhuireach, ’S dh’ fhag sud mise ’sruthadh dheur. Cruinneag, etc. [TD 82] Ach ma thréig thu mi gu buileach, Le breug nan droch bhéistean siubhail, Dh’ fhàg sud mise deurach, dubhach, ’S ga d’ chumha ’s e is dùth dhomh ’n t-eug. Cruinneag, etc. ’S ged nach innis mi do dhuin’ e, ’S ann an I a tha I fuireach, Ribhinn shìobhalt nan ceum lurach, ’S i mar uiseig air bhàrr géig. Cruinneag, etc. Peucag shuairce ’chuach-fhuilt bhuidhe, ’Choisinn buaidh am measg nan cruinneag; Oigh na h-uaisle, luaidh gach duin’ thu, Suairce, furanach, neo bhreun! Cruinneag, etc. Tha do shlios mar fhaoileann tuinne, Cìochan corrach air uchd lurach, Do mhac-samhuil ann an cumadh, Cha ’n ’eil ’s a’ chruinne gu léir. Cruinneag, etc. Tha do ghruaidh cho dearg ’s na ròsan, Muineal geal mu ’n iadh an t-òmbar, ’S tu mo lili ’measg nan òighean— Ann ad bhòichead cha ’n ’eil meang! Cruinneag, etc. Gur a lionmhor mais a’ fàs ort— Cha ’n aithne dhomh trian dhiubh àireamh. Anns gach beus cha léir dhomh d’ fhàilinn— Thug thu bàrr air cach gu léir! Cruinneag, etc. [TD 83] HI HU, O HO, NA’M B’AILL LEIBH E. Hi hù, o ho, na’m b’aill leibh e, Deoch-slàint’ an fhir o’n thill sinn; Hi hù, o ho, na’m b’aill leibh e. ’S i so deoch-slàint’ a’ Chamaronaich, An sàr dhuin’-uasal leanmhuineach, Lìon i nuas d’ an bharra-ghucaig, ’S théid m’ airgiodsa g’a dioladh. Hi hù, etc. ’S i so deoch-slàint’ an Alasdair, Fear ruadh a nuas bho ’n Ghearasdan; Gur math thig gruag an ceangal ort, ’S i ’n teannachadh le sìoda. Hi hù, etc. H-uile h-aon mar dh’òlas i, An aire mhath nach dòirtear i, ’N fhuil uasal ’s i gun fhòtas: ’S ann bu chòir dhi bhi gu rìoghail. Hi hù, etc. ’S ged nach ann de d’sheòrsa mi, ’S ann air do chnoc bu chòir dhomh bhi, Dh’ abaireadh na h-eòlaich, Gu’m bu chòir dhuinn a bhi dìleas. Hi hù, etc. ’S cairdeach do na daoine thu, ’S tu ’theaghlach Ghlinne-faochann, A’s gur faillein ùr thu’n chraobhaig ’Tha’m Bun-Aora, taobh Loch-fine. Hi hù, etc. [TD 84] Gur math thig còta sgàrlaid ort, ’S e ùr bho laimh nan tàilleirean, Boineid a’s coc-àrd innte, ’S lann Spainnteach a’ chinn Ilich. Hi hù, etc. Gur math thig féile pleate ort, ’S cha mhios thig osain bhreacain ort, Gartain dhearga, dhaithte, ’S iad air lasadh anns an t-sìoda. Hi hù, etc. Gur h-e mo rùn ’s mo roghainn e, ’N uair théid na h-airm ri’n taghadh air— Gunna, sgiath a’s adharc ort, ’S cha chladhaire bheir dhiot iad. Hi hù, etc. Thig Stiùbhartaich o’n Apainn leat; Thig Dòmhnullaich, thig Ailpeinich; Thig feachd de Chloinn-a-Phearsoin leat, Cho maith ri marcaich Shìmi. Hi hù, etc. Bidh Clann-an-t-saoir bho Chruachan leat; Bidh Leathanaich nan cruaidh-lannan, Griogaraich bho’n Ruadh-shruth leat A chur na ruaig ’n a sìor-ruith! Hi hù, etc. ORAN GAOIL. SEISD— Mo nigh’n bhòidheach nan rosg-mall, D’an d’ thug mi mo ghaol nach gann, Cruinneag bhòidheach nan rosg-mall, ’S mo nigh’n chruinn, donn, nach till thu rium? [TD 85] Mo nigh’n bhòidheach nan rosg bàn, Nan gorm-shuilean troma, tlàth, Gruaidh mar chaorann dearg a’ fàs, ’S gu ’m bu slàn a chi mi thu. Mo nigh’n, etc. ’S e ’mheudaich m’airtneulachd ’s mo ghruaim, Thu ’bhi seòladh thar a’ chuain, ’S ioma té d’an d’thug mi fuath, Thug i fuath ’s cha till i rium. Mo nigh’n, etc. Na’m bu leam de dh-fhearann saor, Na tha thall ’s a bhos an caol, ’S mi gu’n liubhradh iad do m’ ghaol, Ach cead do thaobh ’bhi sinnte rium. Mo nigh’n, etc. Cha’n ioghnadh thu bhi beachdail, àrd, Mòr thoil-inntinneach thar chàich, ’N uair thug MacCoinnich dhuit a lamh— Cha bhi mi slàn mur innsear e. Mo nigh’n, etc. ’N uair rachadh an fhidheal ’n a gleus, Dhannsadh tu air ùrlar réidh, Calpa cruinn is lùghor ceum, ’S mo chridh’ am dhéigh’n mur innsinn e! Mo nigh’n, etc. Tha thu ro mhath anns gach àm, Air gach obair ghrinn a th’ ann; ’S ioma fear a th’ ort an geall, Nach cuir bann gu siorruidh ort. Mo nigh’n, etc. [TD 86] Mo chomhairl’ air gach fear am dhéigh, Gun dheanamh mar rinn mi fhéin, Gun cùl a chur ri ’leannan fhéin, Air son luchd bhreug a’s innseagan. Mo nigh’n, etc. Ged théid mi nunn thar a’ chuain, Cha’n fhaic mi aogas mo luaidh; ’S glan an rudha tha ’n a gruaidh, ’S cha bhi mi buan mar pill i rium. Mo nigh’n, etc. DUANAG. LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN, NACH MAIREANN. Ni mi duan do ’n ghruagaich bhanail, Ribhinn chaoin an aogais fhlathail; Seinnidh mi mo dhuan do ’n ainnir, Dh’ fhàs gu banail, banndaidh. Seinnidh mi mo dhuan do ’n òigh, A chum a’ chodhail ’s an tigh-òsd’, Ged a tha i an tra-sa pòsd’, Gu ’n cuir mi ’n òrdugh rann di. Phòs thu ’n diugh ri fear do rogh’nn, ’Leanas rout a là ’s a dh’ oidhch’; Ach chum thu ’chòdhail ud an raoir, Bu chiùin a rinn thu cainnt rium. Bu chiùin a chuir thu sud am chluais, ’S a’ h-uile h-aon, ’s an àird ’n an suain— “Feuch, a ghràidh, nach gabh thu gruaim Ged chaidh mi uait gun taing dhomh.” [TD 87] Anns a’ mhaduinn chunnaic mi Thu ann ad sheasamh air leth sgìos, ’S fear an teagaisg a’ cur sìos duit— Cha bu bhinn a chainnt leam! Ged a bhiodh tu ’dol fo ’n fhòid, An ciste chumhainn, chaoil nam bòrd, Cha bhiodh do ghnùis gun tuar na ’s mò ’N uair chaidh na bòidean teann ort. ’S e sud a chum mi féin fo phràmh, ’N am shuidhe diùididh am measg chàich, Gu ’n d’ thug thu ’n t-sùil ud orm cho blàth, Ged bha thu ad bhean-bainnse. ’S tric a bhòidich thu ri m’ thaobh Nach tigeadh mùthadh air do ghaol; Ach b’ éiginn sud a chur fa sgaoil Bho ’n chinn an saoghal gann dhuinn. Mur biodh a’ h-uile cùis mar tha, ’S mi anns an àm so gann ’am làimh, Cha leiginn thu le fear gu bràth, Ged dheanadh càirdean aimhreit. Gur soithreamh, sìobhalta do ghnùis, Fo d’ mhala chaol nach claon le mùig; Bu chiùin, ro aoidheil leam do shùil, Cho caoin ri drùchd an t-samhraidh. Eisdeachd fòil ’ri d’ òrain loinneil, ’S binne còir na ceòl a’ choilich, Moch air maduinn cheo a ghoireas, Anns an doire ’canntail. [TD 88] ORAN. LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN, NACH MAIREANN. So ’n am shìneadh air an t-sliabh, ’S mi ri iarguin na bheil bhuam, ’S tric mo shùil a’ sealltuinn siar, Far an luidh a’ ghrian ’s a’ chuan. Chi mi thall a h-aiteal caomh, ’Dearrsadh caoin ri taobh na tràigh; ’S truagh nach robh mi air an raon Far an deach’ i claon ’s an àillt. ’S truagh nach robh mi an tràs’ Air an tràigh a’s àirde stuadh, Ag éisdeachd ri còmhradh tlath Aig an òigh is àillidh snuadh. Aig an òigh is àillidh dreach, ’S gile cneas, ’s is caoine gruaidh; Mala shìobhalt’, min-rosg réidh Air nach éireadh bréin’ no gruaim. O! na ’n innseadh dhomh ’ghaoth ’n iar, ’N uair a thriallas i thar sàil’, Ciod an dòigh a th’ air mo ghaol— ’Bheil i ’smaointinn orms’ an tràs? ’N uair a shìn mi dhuit mo làmh Air an tràigh, a’ fàgail tìr, ’S ann air éiginn rinn mi ’ràdh, “Soraidh leat, a ghràidh mo chrìdh’.” ’N uair a thug mi riut mo chùl, Chunnaic mi thu ’brùchdadh dheur; Ged a shuidh mi aig an stiùir, ’S ann a bha mo shùil am dhéigh. [TD 89] Chaidh a’ ghrian fo stuaidh ’s an iar Dh’ fhàg i fiamh air nial a’ chuain; ’S éiginn domh o ’n àird ’bhi ’triall— Sguir an eunlaith féin d’ an duan. Mìle beannachd leat an nochd— Cadal dhuit gun sporchd, gun ghruaim; Slàn, gun acaid feadh do chléibh, Anns a’ mhaduinn, ’g éirigh suas. ORAN. LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN, NACH MAIREANN. AIR FONN:—“Hail to the Chief.” S neo-shunndach leam m’ aigne o’n dhùisg mi ’s a’ mhaduinn, ’S mo shùil thar an aisig gu glas-bheinn a’ cheò; Mo dhùrachd ’bhi thall ud, ’bhi dlùth ris an ainnir, Le sùgradh tairis ’g a tarruing am chòir. Gur muladach m’ inntinn, fo airsneul ’s fo mhìghean, Ag ionndrainn na h-ìonag, a’s briodal a beòil: Bho’n chaidh mo ghaol lurach null thairis do Mhuile Cha dean mi car tuille ach tuireadh a’s bròn. Ge sunndach, ’s ge h-éibhinn, ’s an ùr mhaduinn chéitein, ’Bhi ’dìreadh nan sléibhtean ’s ag éisdeachd nan eòin— Ge h-ùrail an sealladh dealt dlùth a’s drùchd meala ’Bhi ’lùbadh gach meangain, ’s a sreamadh gach feòirn; ’S ann tha aobhar mo chùraim thar caol nan tonn dù-ghorm, ’M bi luingeas a brùchdadh fo thùchadh nan seòl; Mo dhùil ri dol thairis a null thar an aisig, ’S gu’n dùisginn an ainnir le aithris mo bheòil. Mo dhùil ri dol thairis, ’s mo shùil air a’ chala, Tha smùid thar a’ bhaile mar bhadan de ’n cheò; Bu luaineach mo chadal le bruadair mu’n ainnir, Is suairce ’s is ceanalt’ ’s is banaile nòs. [TD 90] Gach dreach ’th’air an nìonag, O, ’s deacair dhomh ’n innseadh! ’Tha farasda, fìnealta, inntinneach, òg; Mo rùn do chaol mhala, do mhiog-shuilean meallach— Deud geal ’n ad bheul tairis, gruaidh thana mar ròs. Tha soirbheas air éirigh o bhruaillein nan speuran, ’Cur luingeas ’n an éiginn, ’s a’ reubadh nan seòl; Cha ’n fhaodar leam aiseag, o ’n chaochail an latha— Tha ’n caol ’n a chaoir gheala, ’s muir ghreannach fo chròic. Na’m biodh agamsa sgiathan, ’s mi ’shracadh an iarmailt, Ged a bhacadh gaoth’n iar mi, agus iarguil nan neòil, Gu’m bithinn, ’cheart ain-deoin’, ri guallainn mo leannain, B’ e m’ ulaidh, a’s m’ aighear, ’bhi ’teannadh ’g a còir! DI-MOLADH AN UISGE-BHEATHA. LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN, NACH MAIREANN. AIR FONN:—“Crodh-laoigh nam bodach.” Cha ’n òl mi deur tuille, deur tuille, deur tuille,— Cha ’n òl mi deur tuille, deur tuille de ’n dram; Cha ’n òl mi deur tuille, cha dean mi ris fuireach, ’S mi cinnteach gu ’n cuireadh e ’n tubaisd am cheann. Gur mis’ tha gu brònach, am luidhe ’s tigh-òsda, Mi ’teannadh ri òran le bòidean gu teann; Ag éirigh air m’ uilinn, ’s ag éigheach gu duineil— “Cha ’n òl mi deur tuille, deur tuille de ’n dram.” ’S tròm, éisleineach m’ aigne ’n àm éirigh ’s a’ mhaduinn, Mo bhriogais mu m’ chasan ’g a tarruing a nall; Mo bhriogais ’n a stròicean, cha dean i mo chòmhdach— ’S e éigheach nan stòp ’chuir am pòca cho gann. [TD 91] Le m’ chois air an ùrlar, ’s gann tha mi air dùsgadh, ’S gur measa na brùid mi le stùrdan ’s a’ cheann; Le smal air mo léirsinn, ’s an t-snigh’ air mo léine, Mo chridhe làn éislein le speura de ’n dram. Mo léirsinn air tuiteam, cha léir dhomh mo thrusgan, Cha ’n ’eil mi ach tuisleach, a’ trusadh gach ball, Ann an seòmar na bochdainn, ag iarraidh gach oisinn— Ciamar theid mi air choiseachd ’s na h-osain air chall? Tha muinntir an tighe ri bùird, agus fanoid, O ’n dh’ éirich mi falamh, cha ’n fhaigh mi an taing; Bu bhriathrach an raoir iad, ’n àm lasadh nan coinnlean, An toiseach na h-oidhche bu chaoimhneil an cainnt. Bidh iadsan cho fiadhaich mur pàigh thu na fiachan, Gach latha ’s a’ bhliadhna ’g an iarraidh gu teann, ’Cur cagar ad achlais, le briathran a’ mhaslaidh— “Tha agam ort tasdan, a’s aisig e nall.” Bidh esan cho spòrsail ’s a’ chlachan Di-dòmhnaich, Bho ’n cheannaich e còta le pòiteir an dram; Clann ceathairne còir ann, gun bhoineid, gun bhrògan, ’S nighean dubh an tigh-òsda le srol air a ceann. Sguiridh mi ’n bhéisd ud, cha bhi mi ’g a éigheach, Gùn fhios a ’m fo ’n ghréin, ciod am feum a tha ann; Their na fir làidir, ’n uair chi iad air sràid mi— “Tha pòit’ an tigh-thàirne ’g a fhàgail-san fann.” Cha ’n òl mi deur tuille, cha dean mi ris fuireach, Cha téid mi le furan an cuideachd mo chall; ’N uair chluinneas mi ’n deoch ud ’g a h-éigheach le frogan, Bidh iallan mo sporain g’ an roladh gu teann. [TD 92] MAC-GRIOGAIR O RUADH-SHRUTH. Tha mulad, tha mulad, Tha mulad ga m’ lionadh, Tha mulad, bochd, truagh orm, Nach dual domh chaoidh dhireadh. Tha mulad, &. Mu Mhac-Griogair o Ruadh-shruth, D’ am bu dual bhi ’n Gleann-lìobhann Mu Mhac-Griogair, &c. Mu Mhac-Griogair nam bratach, D’ am bu tartarach pioban. Mu Mhac-Griogair, &c. D’ am bu shuaicheantas giubhas, Ri bruthach ga ’dhireadh. D’ am bu, &c. Crann caol air dheadh lochdradh, ’S ite dhosach an fhir-eoin. Crann caol, &c. Crann caol air dheadh shnaitheadh, Cuid de dh-aighear mhic righ e. Crann caol, &c. Ann an laimh dheadh Mhic-Mhuirich, Ga ’chumail reidh, direach. Ann an laimh, &c. Ged a bhuail e mi ’m bealach, Ga m’ ghearan cha bhi mi. Ged a, &c. Ged a dhean iad orm eucoir, A thi fein co ’ni dhioladh? Ged a, &c. [TD 93] ’S luchd a ghabhail mo leith-sgeil, Anns a’ chaibeal so shios uam, ’S luchd a ghabhail, &c. Luchd a sheasamh mo chòrach, Is e mo leon iad bhi dhi orm. Luchd a sheasamh, &c. Mo chomh-dhaltan gaolach, An leabaidh chaoil, ’s an ceann iosal. Mo chomh-dhaltan, &c. Ann an leine chaoil anairt, Gun bhannan, gun sìod oirr’. Ann an leine, &c. ’S nach d’ iarr sibh ga ’fuaigheal, Mnaithean uaisle na tire. ’S nach, &c. Ort a bheirinn-se comhairl’, Na ’n gabhadh tu dhiom i. Ort a bheirinn-se, &c. ’N uair a theid thu ’n tigh-osda, Na ol ann ach aon deoch. ’N uair e, &. Gabh do dhrama ad sheasamh, A’s bi freasd’lach mu d’ dhaoine. Gagh do, &c. Na dean diuthadh mu d’ shoitheach, Gabh an ladar no ’n taoman. Na dean, &c. Dean am foghar de ’n gheamhradh, ’S dean an samhradh de ’n fhaoiltich. Dean am, &c. [TD 94] Dean do leaba ’s na creagaibh, A’s na caidil ach aotrom Dean do, &c. Ge h-aineamh an fheòrag, Gheabhar seol air a faotainn. Ge h-aineamh, &c. Ge h-uasal an t-sheobhag, Is tric a ghabhar le foill i. Ge h-uasal, &c. BRUADAR AN DOMHNUICH. ’N raoir chunnaic mi ’m bruadar Dh’ fhag m’ aigne cho luaineach— Thus’ a’s mise, a luaidh, a bhi comhladh’. Thus’ a’s mise, etc. Sinn bhi falbh ri taobh lochain, ’S bhuail ìota gu deoch mi, ’S gu ’n d’ smuainich mi sgobag bheag òl deth. ’S gu ’n d’ smuainich, etc. Ach ’n uair chuir mi ri m’ bheul e, Cha d’ fhaod mi deur fheuchainn, Le rumaragaich féir agus mointich. Le rumaragaich, etc. ’S chunnacas lascaire làmh rium, ’S thuirt mi ris e bhi cairdeil, ’S deoch a thogail á àite glan dhomh-sa. ’S deoch a thogail, etc. Ach labhair esan gu fiadhaich, “Cha bhi mi aig d’ iarrtas, ’S cha mhò fhreagras mi briathran do bheoil-se.” ’S cha mhò, etc. [TD 95] Na ’m biodh agam bean bheachdail A dh’ innseadh gu reachdail, Ciod a’ bhrigh bh’ aig aisling an Dòmhnuich. Ciod, etc. ’S ann thuirt bean a bha ’m eisdeachd, “Tha mise so, tè dhiubh, ’Ni do bhruadar a leughadh an òrdugh— ’Ni do bhruadair, etc. “’S e ’s brigh do ’n bhurn shalach Mu dheighinn do leannan, Gu bheil sior dhuine ga d’ mhealladh le dòchas. Gu bheil, etc. “Le cridhe na foille, ’S le còmhradh na doille; ’S gu ’m fag e air dheireadh gun stór thu. ’S gu ’m fag, etc. “Ach ma thug thu do chùl ris, ’S nach dean thu leis lubadh, Sin an cupan a ghiùlain sibh comhladh.” Sin an cupan, etc. ’S chunnacas cupan am laimh-sa, Chaidh a thogail gun chaimein, ’S thug mi stigh e gun aon deur a dhòrtadh. MO ROGHAINN ’S MO RUN. Mo roghainn ’s mo rùn a chunna mi ’n dé, Gu ’n taghainn dhomh fhéin gun stòras i, Mo roghainn ’s mo rùn a chunna mi ’n dé. Latha dhomh ’s mi falbh nan gleanntaibh, ’S trom a mheall an ceò orm. Mo roghainn, etc. [TD 96] Latha dhomh ’s mi falbh nam fuarbheann, Thachair a’ ghruagach bhòidheach orm. Mo roghainn, etc. Thug mi i gu cnochdain grianach, ’S dh’ iarr mi ’n iasad pòig oirre. Mo roghainn, etc. Chrom i ceann ’s gu ’n d’ ghabh i àrdan, Tàmailte gu leòir oirre. Mo roghainn, etc. Labhair i ’s i gabhail rium mi-thlachd, “’N ann a chur sios ri m’ bheò orm? Mo roghainn, etc. “Ged thigeadh fear-fearainn, cha tréiginn mo leannan, Na ’n tugadh e geallaidhean pòsaidh dhomh. Mo roghainn, etc. “Ged thigeadh a triùir, cha ghabhainn h-aon diùbh, ’S do litir, a rùin, am phòc’ agam. Mo roghainn, etc. “Thug mise mo luaidh do dh’ fhear a’ chuil-ruaidh, ’N uair chunna mi suas a’ mhòintich e. Mo roghainn, etc. “Thug mise mo ghràdh do dh-fhear a’ chuil-bhàin, Bidh locar a’s tàl, a’s òrd aige. Mo roghainn, etc. “Ach ma ’s fear thu tha air mo thì-sa, Ruig an tìr an còir dhomh bhi. Mo roghainn, etc. “Faigh toil m’ athar a’s mo mhàthar, Cead mo chàirdean, ’s còrdaidh sinn.” Mo roghainn, etc. [TD 97] “Gur guirme do shùil na mhil air an driùchd— Thug mise mo rùn, ’s cha neònach e. Mo roghainn, etc. “Bu deirge do ghruaidh, na subhag nam bruach— Thug mise mo luaidh, ’s mi gòrach, dhuit. Mo roghainn, etc. “Bu dubh a ceann, bu dearg a gruaidh, Bu lurach a snuadh, ’s bu bhòidheach i.” Mo roghainn, etc. ORAN. MU BHATA ’CHAIDH DO DH-EIRINN A DH IARRAIDH UISGE-BHEATHA; AGUS AIR DO ’N SGIOBAIR DOL AIR TIR AIR SON UISGE, CHUNNACAS AN Cutter A’ TIGHINN AGUS B’ EIGINN TEICHEADH ’S AN SGIOBAIR ’FHAGAIL. Mo thruaigh léir thu, ille bhuidhe, ’S ann an diugh tha ’n déigh ort, Mo thruaigh léir thu, ille bhuidhe! Chuir sinn croinn ’s a bhàta Dà là mu ’n d’ fhàg sinn Eirinn. Mo thruaigh, etc. Chuir sinn na croinn ùr innte, ’S gu ’n d’ fhuair sinn smùid na déigh leinn. Mo thruaigh, etc. Cutteran a’s gàidsearan, Ga ’r sàrachadh le chéile, Mo thruaigh, etc. Fùdar ’s luaidhe Shasunnach Toirt farum air a déile. Mo thruaigh, etc. [TD 98] Bha sinn ’s a’ Chuan-iar leatha, Mu ’n d’ rinn a’ ghrian ach éirigh. Mo thruaigh, etc. ’N uair a dh’ at an fhairge, ’S i ’n “Earbag” a bha treubhach. Mo thruaigh, etc. An “Earbag” ’s i cho dionach Ri botal fion a’s céir air. Mo thruaigh, etc. Seachad Maol na h-Oa, Gun d’ òl sinn air a chéile. Mo thruaigh, etc. Dh’ òl sinn slàint’ an sgiobair Nach robh idir anns an éisdeachd. Mo thruaigh, etc. Dh’ òl sinn buaidh do ’n bhàta Thug sàbhailt’ sinn á Eirinn. Mo thruaigh, etc. Bha uisge ’s clacha-meallainn ann, A’s canvas g’a reubadh. Mo thruaigh, etc. Seachad Caisteal Duairt leath’, Gu ’n robh ar turas réidh leinn. Mo thruaigh, etc. Bha sinn an Loch-Alainn Mu ’n d’ rinn ach pàirt dhiubh éirigh, Mo thruaigh, etc. [TD 99] SORAIDH SLAN DO ’N AILLEAGAN. Oran do Dhotair Ailean Mac’ Illeathain as an Ros Mhuileach, uair a bha e ’dol air chuairt do ’n Eilean Sgiathanach agus a chaidh cunnart bàthaidh air. LE DOMHNULL MAC ’ILLEATHAIN. SEISD:— Soraidh slàn do ’n àilleagan, Soraidh slàn do ’n àilleagan, A ghluais an tùs an ràidhe bhuainn; Mo dhùrachd thu thigh’nn sàbhailte Gu fàilteachais do dhuthcha. Tha iondrainn anns an àite ort, ’S gur fhada leinn bho ’n dh’ fhàg thu sinn— ’S e dotair ruadh nam blàth shuilean, Tha fiamh a’s àilleachd diùc air. Soraidh slàn, etc. Gur bliadhna leinn gach seachdain Bho ’n ghluais thu uainn do Thalasgar; Gun d’ thàinig fuachd a’s gaillionn oirnn, ’S gur fada leinn an ùine. Soraidh slàn, etc. Fhuair sinn sgeul bha duilich leinn, An àm bhi fàgail Mhuile dhuit, Gun d’ fhuair thu deuchainn chunnartach, ’S bu mhuladach sin dhùinne. Soraidh slàn, etc. B’e sud an sgeul bhiodh cràiteach leinn, Na ’n cluinneamaid gu’n d’ bhàthadh thu; Tha m’ inntinns’ air a h-àrdachadh, Bho ’n ràinig thu gun chùram. Soraidh slàn, etc. Cha bhiodh greim ’s an fhearann so, Tinneas cléibh no an-shocair, Nach leighseadh tu le d’ cheanalas, ’N uair thigeadh d’ anail dlùth dhuinn. Soraidh slàn, etc. [TD 100] Bu lighiche bha sàr-mhath thu, ’N uair dh’ fheuchadh tu le d’ lamhan sinn. Mar fhiadh a bhiodh air fanas* Bhiomaid slàn a dh-ionns’ ar tùrna. Soraidh slàn, etc. Gur meanglan d’ an fhuil rìoghail thu, Bu dosrach an àm cinntinn i, ’S ged tha i nis air crionadh, Ciod an ni air nach tig muthadh? Soraidh slàn, etc. Gur mach thig eideadh Gàidh’lach ort, ’S e ùr bho laimh nan tàilleirean, Mar ròsan ann an gàradh ’S iad a’ fàs an àm na dudlachd. Soraidh slàn, etc. Do chalpanan deas, finealta, Air dhealbh a’ bhradain fhior-uisge, Troidh chuimir am bròig dhionaich, ’S e an sioda bhios ga ’dùnadh. Soraidh slàn, etc. Tha sealladh sèimh mar mhaighdinn ort, ’S tha deanamh chruaidh an t-saighdear ort, Do chridhe mar an daoimean, Deanamh soillse measg gach cùinnidh. Soraidh slàn, etc. Gur curaidh anns an tabaid thu, Gur math thig airm an ceangal ort, ’S claidheamh fo d’ chrios tarsuing, Agus gunna ’n glaic nach diùltadh. Soraidh slàn, etc. * A void space. [TD 101] Na’m faighinn fhéin mar dh’ òrdaichinn, Do rogha ceil’ bhi pòsd’ agad, A’s oighreachd fhearainn mhòr agad, ’S ann dhòmh-sa nach biodh cùram. Soraidh slàn, etc. Bu chinnteach mi a àite dheth, Na ’m b’ urrainn mi a phàigheadh duit, A’s ged nach biodh am màl agam, Gu’m faighinn dàil a’s ùine. Soraidh slàn, etc. ORAN. LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN, NACH MAIREANN. Och! òch! mar tha mi ’s mi so ’n am ònar, A’ dol troimh ’n choill far an robh mi eòlach, Nach fhaigh mi àit’ ann am fhearann dùchais, Ged phàighinn crùn air son leud mo bhròige. Neo-bhinn an fhuaim leam a dhùisg á m’ shuain mi, ’S e ’tighin a nuas orm o chruaich na mòr-bheann, An cìobair gallda, ’s cha chòrd a chainnt rium, E ’glaodhaich thall ri cù mall an dòlais. Moch maduinn chéitein an àm dhomh éirigh, Cha cheòl air gheugan, no geum air mòintich, Ach sgreadail bhéisdean ’s a’ chànain Bheurla, Le coin’ ’g an éigheach ’cur féigh air fògar. ’N uair a chi mi na beanntan àrda, ’S an fhearann àigh ’s an robh Fionn a chòmhnuidh, Cha ’n fhaic mi ann ach na caoraich bhàna, ’S Goill gun àireamh ’s a’ h-uile còdhail. [TD 102] Na glinn chiatach ’s am faighteadh fiadhach— ’M biodh coin air iallan aig gillean òga, Cha’n fhaic thu ’n diugh ann ach cìobair stiallach, ’S gur duibhe ’mheuran na sgiath na ròcais. Chaidh gach àbhaist a chur air fuadach, Cha chluinn thu gruagach ri duan no òran; Nach bochd an nì e gu n d’ shearg ar n-uaislean, ’S na balaich shuarach n’ an àitean-còmhnuidh ’N uair a chi mi na lagain àluinn— A’ h-uile h-àiridh ’dol fas le còinnich, Fo bhadain chaorach le ’n uain ’g an àrach, Cha ’n fhaod mi ràdhtainn nach b’fhàidhe Tòmas.* ORAN A’ PHRIONNSA. LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR. SEISD— Hug óho, laill óho, Hug óho ró ’n aill leibh Hug óho, laill óho, Seinn óho ró ’n aill leibh! Moch ’s a’ mhadainn ’s mi ’dùsgadh, ’S mor mo shunnd ’s mo cheol-gàire, Bho ’n a chuala mi ’m Prionnsa Thigh’nn a dhùthaich Chlann-Rànuill. Hug oho, etc. Bho ’n a chuala, etc., Gràinne-mullaich gach righ thu! Slàn gu ’n till thusa, Theàrlaich! Hug oho, etc. * Fàisneachd Thòmais’:— “Cuiridh a’ chaora an soc as an talamh, Bidh meall òir am bun gach glinne— ’S Albainn ’n a criosan geala.” [TD 103] Gràinne-mullaich, etc., ’S ann tha ’n fhior-fhuil gun trailleadh Anns a’ ghruaidh is mor nàire! Hug oho, etc. ’S ann tha ’n fhior-fhuil, etc. Mar-ri barrachd na h-uaisle, ’G éirigh suas le deadh nàdur. Hug oho, etc. Mar-ri barrachd, etc. ’S na ’n tigeadh tu rithist, Bhiodh gach tighearn ’n a àite. Hug oho, etc. ’S na ’n tigeadh, etc. ’S na ’n càiricht’ an crùn ort, Bu mhùirneach do chàirdean. Hug oho, etc. ’S na ’n càiricht’, etc. Bhiodh Loch-iall mar bu chòir dha, ’Cur an òrdugh nan Gàidheal. Hug oho, etc. Bhiodh Loch-iall, etc. A’s Clann-Dònuill a’ chruadail, ’Choisinn buaidh anns na blàraibh. Hug oho, etc. A’s Clann-Dònuill, etc, ’S iad a chumadh a’ chòmh-strith Ri luchd chòtaichean màduir! Hug oho, etc. ’S iad a chumadh, etc. Sud a’ chuideachd bhiodh foirmeil, Le boineid ghorm a’s coc-ard innt’. Hug oho, etc. [TD 104] Sud a’ chuideachd, etc. ’S bhiodh am féile ’s an fhasan, Mar-ri gartana sgàrlaid. Hug oho, etc. ’S bhiodh am féile, etc. Feile-cuaich air bhac-easgaid, Paidhir phiostal, ’s lann Spàinteach. Hug oho, etc. Feile-cuaich, etc. ’S na ’m faighinn mo dhùrachd. Bhiodh an Diuc* air dhroch càramh! Hug oho, etc. ’S na ’m faighinn, etc. Gu ’m biodh “bùidseir” na feòla, A’s a’ chòrcach m’ a bhràghad! Hug oho, etc. Gu ’m biodh “bùidseir,” etc., A’s gu ’n gibhtinn “a’ mhaighdeann,” Mar oighreachd d’ a bhràthair! Hug oho, etc. A’s gu ’n gibhtinn, etc. Ach slàn gu ’n tig thu ’s gu ’n ruig thu, Slàn gu ’n tig thusa, Theàrlaich! Hug oho, etc. * Cumberland. The following stanza, which has passed into a proverb, is said to have been originally the last verse of the song, Thogainn fonn air lorg an fheidh, which will be found at page 77. Mar fhadadh teine fo loch, Mar thiormachadh cloich an cuan, Comhairle ’thoirt air mnaoi bhuirb— Mar bhuill’ ùird air iarunn fuar. [TD 105] BRATHAINN NAN STEUD. ORAN A RINNEADH DO MHAC-COINNICH BHRATHAINN ’N UAIR A CHUM E COGADH RIS AN RIGH RE SHE BLIADHNA. ’S tu Brathainn nan steud, cathair mo cheum! M’ aighear an treud chalp-bhiorach! Suaicheantas an Fhéidh, fuasgailt’ gu feum, Mac-Coinnich nan sgéith balla-bhreac! Slan iomradh dhuit fhéin, sìth gu do cheum, Seaforth an déigh ainmeachadh. Bidh ceatharn le sùnnd, le h-aighear ’s le mùirn, ’Caitheamh do chùirt ana-bharraich. Gheibhteadh gu leòir, pailteas mu d’ bhòrd, Deoch de gach seòrsa dh’ ainmichteadh— Rum, portair a’s beòir; fion, branndaidh ri òl, A chuireadh fir òg’ fo mheamnachd. Gu’m bu mhiannach le diùc tachairt na d’ chùirt; Gheibhteadh luchd-ciùil eanchainneach, ’N àm cromaidh do’n ghréin, teannachadh theud; Bhiodh farum aig beus dearbhte dhuit. Mìn, socair ri sluagh; gun dìth thoirt do dhaoin’-uaisl’; Làidir, macanta, cruaidh, feara-ghramail; ’Chumadh taice ri’n taobh, ’s cha bi ghlagaireachd chùl; ’S ann leat gu’m bu diù cealgaireachd. Dh’ éireadh sud le mo rùn, fir Chinntàil’ air do chùl ’S tric a choisinn sin cliù naimhdean duit. Clann-an-Linnean nam buadh, ’s tric a dh’iomain iad sluagh Sud na fir a bha cruaidh, ceannsgalach. Sliochd Mhurchaidh-nan-corc, dh’ éireadh iad leat, ’S cha chuireadh a’ gheilt amaladh orr’; Fiùrana gasd’, ùrail an neart; ’N an dùsgadh, cha chaisg seanachas iad. [TD 106] An àm tarruing nam pìc, ealamh ’s an strìth, Ghearradh iad cìnn a’s earballan; Tlachd ri do thaobh, taic’ ri do chùl, Sliochd Ruaridh bho Thùr Farabairne. Cloinn-Ic-Rath air do sgàth, ghabhadh do phàirt, Nach athadh gu bràth a’s fearg orra; Fiùghanta, deas; ciùin nach leig leis, A shiùbhladh gu teth, ana-meinneach. ’N uair shineadh iad crosd’ chiteadh gun toirt, Cinn an air droch charabhairachd; ’S bhiodh naimhdean fo’m bonn, gun anam na’n com, Le mireadh nan sonn fara-bhuilleach. Clann-Dòmhnuill an fhraoich ’s leòir ri do thaobh; Leòdaich maraon, a’s fearg orra; ’N Asaint mu thuath, pailt’ de dhaoine-uaisle, Cataich cha ghluais cearbach leat. Tòisich nam mac òrdail am feachd— Sròl agus Cat earballach. Clann-Chatan na’m pìc, a sgathadh ’s an strìth, ’S a bheireadh fo chìs dearganaich, Iarla Chromba bho Leòid, ’s foirmeil a sheòid, Foirfe ’s an tòir thonna-bhuilleach; A’n eireachdas slòigh, an iomairt a’s dòigh, Gu ceannairceach cròc, loma-ruisgeach. An ám tarruing duit fhéin, fuasgailt’ gu feium, Fearail, gun léig, bhuaileadh iad; ’S bhiodh naimhdean ’n an réis dol as bhuapa féin— ’N an déigh gu réidh, luath-cheumnach! Clann-Illeathain nam buadh! gleidheir leat sluagh Sgatharra le tuar a’ sealg orra, Le’n cuilbheirean gleusd’, lom-lanna geur, Ghearradh gu treun fara-bhuillean; [TD 107] ’S chithteadh na’n déigh, cuirp air droch ghréi’dh, ’N a’n cupail air feur gairisneach. ’S an cunnart cha téid maill’ air an ceum— ’S gaisgich fo bhréid Albainn iad. ’S mòr d’ onair ’s do chliù an Lunainn ’s a’ chùirt; Tuigs’ ann an cùil cha’n fhalaicheadh tu; Dana, misneachail, ciùin, ’s tu a thagradh gach cùis, ’S a sheasadh air taobh nan Albannach. Bha thu gu d’ chinne mar chrùn, ad chul-taic’ ’s ad cheann-iuil ’S iomadh meangan deas, ùr a champadh leat; Agus gille glan, òg, theid gu h-iomart le deòin, ’N uair thogteadh do chròc ri geala-bhrataich. ’S tu chum an tìr gun bhi glact’, iomadh bliadhna le d’ neart; Luchd nan casagan daitht’ cha deargadh ort. Fudar ’s luaidh’ gun airc, gunna gleusda ’s lann ghlas, Os cionn féileadh nam pleat neo-ainmigeach. Sàr cheann thu air feachd, ’chuir do naimhdean fo smachd; ’S do ghaisge ’s do neart gu’n dhearbhadh leat!— Thoir mo shoraidh-sa null thar Chonain nan steall, Gu Brathainn nam pìos airgiodach. AN TE SIN AIR A BHEIL MI’N GEALL. An té sin air a bheil mi ’n geall. Gruaidh mar chaorann dearg air chrann; Cruinneag bhòidheach a’ chùil duinn, ’S gil’ thu na sneachda nam beann. Di-luain a ghluais sinn ás an tìr, Leis a’ cheilp ’s bu mhòr a phrìs; Ach mur leig sibh dhachaidh mi, Bidh an tuath gun nì no geall. An té sin, etc. [TD 108] ’N uair thog mi rithe na siùil bhàn, ’S a ghlac mi ’n ailm ann am làimh, Thòisich i ri deanamh bàir, ’S i ’toirt làn ás bhos a’s thall. An té sin, etc. ’N uair thàinig m’uair aig an stiùir, Dearbh cha robh an fhairge ciùin; ’S ’n uair a thug mi riut mo chùl, Shil mo shùilean mar an t-allt. An té sin, etc. ’N uair a shéid e gu cruaidh, B’ éiginn domhsa dol a suas; Cùram mòr nach till mi nuas, ’Smaointinn air mo luaidh ’s an àm. An té sin, etc. ’N uair bhios mi ’reefadh an t-siùil, Bidh na deòir a’ ruith o m’ shùil, A’s eagal orm gu ’n tig fear ùr, Air mo chùl a ni mo chall. An té sin, etc. Na biodh cùram ort, a ghaoil, Ged a sheòlainn roimh na caoil; Bidh an sgiobair air mo thaobh— ’S e Mac-Ille-Mhaoil a th’ ann. An té sin, etc. Na biodh cùram ort mu d’ lòn, Ged a sheòlainn air luing mhòir, Théid i ’Ghrianaig fo ’cuid sheòl, ’S théid am bròn a null ’s a nall. An té sin, etc. [TD 109] Fhuair mi do litir Di-màirt, ’S ro mhath dh’ aithnich mi do làmh, ’S mu’n do leugh mi dhi ach pàirt Dh’ òl mi do dheoch slàint’ ’n rum. An té sin, etc. Ach na ’m bithinn-sa na ’m shaor, Dheanainn bàta shnàmhadh caoil, ’Dhol a shealltainn air mo ghaol, Ged robh mhuir ’n a caoir ’s an àm. An té sin, etc. Gur h-ann gle mhoch air Di-luain A fhuair mi ’m present thar a’ chuain— Prine-broillich ’bh’ aig mo luaidh, ’S dual de ’n ghruaig a bh’ air a ceann. An té sin, etc. Meoir is grinne ’thairgneas sgrìob, Leis a’ pheann ga ’chur a sìos; Do litrichean gu’m faighinn fhìn, Anns na h-Innsean fada thall. An té sin, etc. Feasgar foghar air Cnoc-àrd Air a’ bhuain cha robh thu cearr; ’N uair ghlacteadh coran leat ad làimh Dh’ fhaodadh càch bhi deanamh bhann. An té sin, etc. DOMHNULL AN DANNSAIR. Dòmhnull an dannsair ’s srann aige tighinn, Bidh lùb air a chrann ’s gach ball an ruigheadh; ’N uair gheibh thu ’n tigh Anguis dram no dithis, Gu’n gearradh tu figure air cabhsair. [TD 110] Am bàta dubh, daraich a th’ agad-sa daonnan, Cosnadh an arain ag aiseag nan daoine; Cha ’n fhan thu aig baile latha gaillinn no gaoithe, Gur coidheas leat faoilteach no sàmhradh! Dòmhnull, etc. Sgiobair gu stiùradh ’s a shùil air an iarmailt, ’S i gearradh muir dhù-ghorm gu dùthaich na riaghailt; ’S e baile nam bùthan tha ’n iùrach ag iarraidh, Cho luath ris an fhiadh ’s e ’n a dheann-ruith. Dòmhnull, etc. Ri brais’ an t-sruth lionaidh gu sinteagach uallach, ’N uair shéideadh am breeze oirre shìneadh i guala; Théid i gu dìreach gu tìr nan daoine uaisle, Ged shéideadh e cruaidh ann an ceann oirre. Dòmhnull, etc. ’N uair thog thu siùil bhàna ri bàrr a croinn chaola, Leumadh a’s chrathadh i, ’s ghabhadh i’n aodainn, Sgrogadh tu bhoineid da chromadh air d’ aodan, ’S tu ’gearan an t-aodach bhi gann oirr’. Dòmhnull, etc. ’S e Mac-Ille-Dhuibh a fhuair urram a’ chruadail, Sgoilteadh e ’m buinne na ’mheallaibh o ’cruachainn; Seall sibh na luingeas air eagal am fuadach, A’ fuireach an Cluaidh fad a’ gheamhraidh. Dòmhnull, etc. Thu tighinn gu seòlta ’s tu eòlach ’s na sgeirean, Tha cliù ort, a Dhòmhnuill, feadh chòrsaichean eile; Do chombaist an òrdugh ga ’seòladh ’s an deireadh, Ga ’d chumail bhar Eilean-nan-gamhna. Dòmhnull, etc. [TD 111] Do ghillean cho fileant gu reefadh a h-aodaich, Ainmeanan bòidheach aid ròpanan caola; ’S ma ’s e ’s gu’n tig ceò ort ga ’seòladh roimh ’n chaolas, Bidh fear air gach taobh dhi le lanndair. Dòmhnull, etc. Tha uaislean a’ bhaile so ’tighinn gu straiceil, Le ’m brataichean geala ’s am bathar gu d’ bhàta, A’ phacaid bheag Liosach ’s i ’tighinn gu sàbhailt’, Le im agus cais’ gu Mac-Labhrainn. Dòmhnull, etc. ’S e ’m fasan a bh’ agad ’n uair bha thu ’n tus d’ òige, Air tilleadh do Glaschu dhachaidh thar vòge. Dh’ òladh tu uile do chuid san tìgh-òsda, ’S shuidheadh tu comhl’ ri fear Gallda. Dòmhnull, etc. Tha balaich a’ bhaile so ’tachairt ort daonnan, Eagal nam blackguardan ’s bail Ionar-aora; Cha b’ ioghnadh leam idir ged shéideadh tu caonnag, ’N uair chi iad thu, laochain, ’s an dràm ort. Dòmhnull, etc. ORAN DO BHOCHDAIBH NA RIOGHACHD. LE CALUM CAIMBEUL MAC-PHAIL. Tha bochdan na rìoghachd fo bhinn a tha cruaidh, Aig uachdarain tìre, ’s fo chìs aig an t-sluagh: An deirc cha ’n fheud iad iarraidh ’s an obair tha i gann, ’S gun nì ach tigh nam bochd, ’s b’ fhearr bhi crocht’ na bhi ann. Tha Gàidhealtachd na h-Alba gu dearbh na ’h-aobhar bhròin, Far an robh na mìltean do ghrìnn ghillean òg, Sean daoine fiachail agus fial mhnathan còir, A’s caileagan bu chùbhraidh na ’n drùchd air an lòn. [TD 112] C’àit a bheil na daoine bha taobh nam beann àrd, Le beagan cruidh a’s chaorach air raon mar a b’ àbh’st? Nach diùltadh an deirce do ’n fheumnach na ’chàs, ’S a bheireadh cuid na h-oidhche de chaoimhneas a’s blàths. Tha riaghladairean dùthcha mar stiùir aig an nàmh, A’ cur air falbh nan laoch ’s a’ toirt chaorach na ’n àit; Gheibh Sasunnach na Beurla gach ni mar is àill, ’S théid na Gàidheil a sgiùrsadh gu dùthchanan fàs. ’N uair thoisicheas an streupaid thig feum air a’ bhochd, Bidh daoin’ uaisle ga ’n glaodhaich bhar aodann nan cnoc; Freagraidh mac-talla iad, “Cha’n eagal duibh ’s a’ chàs, A’s pailteas chaoraich-maola ri aodann a’ bhlàir!” Commandairean ga’n stiùradh á dhùthaich nan Gall, Le casan fada, caola, a’s corp goirid, fann; Sùil nach seasadh cruadal, a’s gàirdean gun fheum, ’S ma chuir sibh cùl ri Gàidheil, fhuair sibh caoraich ’n an déigh. Bidh tighean mòr ’n an luaithre a’s uaibhrich gun cheann, ’S an teaghlaichean ga’n ruagadh bharr guaillibh nam beann; Oladh iad an leòir as gach tobar a ta geur A dh’ fhosgail iad do ’n bhochd—bheir sinn deoch ás dhoibh féin. Bha gàradh an Eden ’s bu righ e thar chàich, Gus an d’thainig an nathair lùbach le cùmhnantan bais; Thuit an sin a challaidean’s bha ’mhìllsearachd dhoibh geur, ’S tha an nathair sin an tràs cur nan Gàidheil a’s a chéil. Ma their thu gu bheil mi cruaidh air daoin’ uaisle an tràs, Tilg ’s a’ mhéidh-thomhais iad, a’s mothaich mar a tà; Mur ’eil eucoir a’ snàmh thar ceartais a’s ga ’bhàthadh Fuilingidh mi mo sgiùrrsadh a dùthaich nan Gàidheal. [TD 113] NA TEAMPULLAICH GHAIDHEALACH. ORAN DO DH-FHARDAICH FHINN ANN AN GLASCHU. LE EANRAIG MACILLEBHAIN. AIR FONN:—Biodh an deoch so ’n laimh mo rùin. SEISD.— Hó ro, chairdean, seinnibh ceòl, ’S deanaibh iolach air gach seòl, Hó ro, chàirdean, seinnibh ceòl. Togaibh fonn le pìob ’s le clàrsaich, ’S deanaibh gàirdeachas gu mòr. Ho ro, chàirdean, etc. Tha ar n-aobhar ’fàs gu làidir, Anns gach àite ’s an Roinn-Eòrp’. Ho ro, chàirdean, etc. ’S i a’ Ghaidhlig cainnt na Fàrdaich, ’S tha i àluinn anns gach dòigh. Ho ro, chàirdean, etc. ’S i a’ chànain bh’againn daonnan— Tha i aosda mar an ceò. Ho ro, chàirdean, etc. Tha ar n-àireamh ’fàs gu lìonmhor, Dh’ ain-deoin mi-ruin agus gò. Ho ro, chàirdean, etc. ’S tric a dh’ fheuchas iad ri’r slaodadh Dh’fhaighinn caochain ’s an tigh-òsd’. Ho ro, chàirdean, etc. Riabh cha robh sinn fann no dìblidh, A’s cha strìochd sinn dhaibh ri’r beò. Ho ro, chàirdean, etc. [TD 114] Seasaidh sinn gu duineil, làidir, ’S cha bhi nàire oirnn ni’s mò. Ho ro, chàirdean, etc. Chaoidh cha strìochd sinn do luchd mì-ruin Ged a nì iad fanoid oirnn. Ho ro, chàirdean, etc. Bhi deanamh dhaoine stuama, fiachail, ’S e air ’n iarrtas a’s ar deòin. Ho ro, chàirdean, etc. Feuchaidh sinn ri daoine ’theàrnadh, Tha na ’n tràillean aig an òl. Ho ro, chàirdean, etc. ’N uair a gheibh sinn iad d’ar Fàrdaich Bidh sinn càirdeil riù gach lò. Ho ro, chàirdean, etc. ORAN NAM FASAN. LE DOMHNULL MAC-RUAIRIDH. AIR FONN:—Cumha Chailein Ghlinn-Iubhair. ’S tìom dhomh teannadh ri m’ òran A chur ann an òrdugh, A dh’ ìnnseadh cho pròiseil, ’S a tha òigridh na tìr’. ’S beag an t-ioghnadh luchd-òrduigh A bhi ’gearan an còmhnuidh. Air na h-adaichean cònlaich, Oir tha mòran dhiubh ìnnt’. Tha luchd-teagaisg an àite, A’ toirt ruith air an càineadh, Aig cho beag ’s a tha nàir annta, ’S mar a chnàmh iad an tir; [TD 115] Ged bhiodh airgiod a’ chrùin ac’ Gu’n cuireadh iad ùmp’ e Ann am fasanan ùra, ’S aobhar thurs’ bhi ’g a ìnns’. Ged a theannainn ri àireamh Na h-uile fasain’ tha’n drasd’ ac, Bho nach d’ ionnsaich mi Grammar, Cha dean Gàidhlig a’ chùis, Air na h-ainmeanan neònach A tha ’n duigh aig an òigridh Air na h-eididhean bòidheach, Tha ga’n còmhdach as ùr: Bidh parinn air an guailibh, ’S pelisse mu na cruachain, ’S frills eil’ ac’ air fhuaigheal A’ dol mu’n cuairt aig a’ ghlùin, Bidh elastic ’s na brògan, ’S cordovan anns a’ chòr dhiubh; Le’n cuid sgàileanan bòidheach A’ còmhdach an sùl. Sud na fasanan mealltach Thàinig h-ugainn bhar Galldachd; Uiread cléibh air a’ cheann ac’, ’S cnota teann uime ’shìod. Le’n cuid aodaichean uachdair, ’S beag a chumas de’n fhuachd diubh; Double skirt air an cruachain, Co ’s uallaich’ na sibh! Mar gu’m faiceadh tu bàta Bhiodh a’ tighinn thar sàile, Bhiodh am peak air a theàrnadh A’ tigh’nn a mhàn thun a’ chroinn. [TD 116] Reef ’s an tack ac’ gun fhuasgladh, ’S iad a’ coiseachd gu h-uallach, Le’n cuid phutanan suaicheant’, Feuch am buair iad fear clì. Sud na maighdeanan guanach, Bhios a’ casad an gruaige, Agus pad air a shuaineadh An lagan cruaidh chùl an cìnn. Le’n cuid adaichean neònach Sios a’ falach an sròine, An dèis an cur ann an òrdugh, Gu bòidheach le sìod’. ’S iad a thionnd’as gu h-uallach Ma bhios fleasgach ri ’n guallainn, Feuch an dean iad a bhuaireadh, O, mo thruigheagan sibh! Ged a dheanadh tu ’m pòsadh, ’S doirbh an cumail an òrdugh, ’S nach dean iad car dòigheil Gus an òl iad an tea. Sud an tea rinn an aimlisg Bho ’n là thàinig i dh’ Alba, ’S beag a chunnaic ar seana-mhathair Dhi, gu dearbha, r’a lìnn. ’S leibh, gu cinnteach, ro shearbh i, Tha i ’goid uainn an airgid. ’S mur-a sguir sibh dhe h-eanruich ’S ann a mharbhas i sibh. Ged a gheibheadh sibh pàiste, Cha ’n urrainn duibh ’àrach, Bithidh ur cridhe ga ’fhàsgadh Leis a’ chnàmh a tha ìnnt’. [TD 117] Gheibh sibh botul an uair sin, ’S pìob a dh-Indian suas ann, ’S beag an t-iòghnadh an sluagh sin A bhi, mo thruaighe, gun chlì! Ma thig cogadh no cruadal, ’S olc an urra ’n càs cruaigh iad, Bidh an naimhdean an uachdar, Bho ’n chaill an sluagh ud an clì. Bho nach deachaidh an àrach Leis a’ chìch aig am màthair, Cha bhi tapadh no tàbhachd, Anns an àl ud ’n àm strìth. ’S beag an t-ioghnadh na truaghain, A bhi gun ghaisge gun chruadal, Bho ’n a chreachadh an tuath-cheatharn, ’S a thugadh uatha gach nì. ’S nach ’eil sìon a bhios sùghmhor, No ’chinneas ’s an dùthaich, Nach toir soitheach na smùide, An ceann gach ùin’ as an tìr! NA TULAICHEAN. SEISD.— Bho Thulaichean gu Bealaichean, ’S bho Bhealaichean gu Tulaichean; ’S mur faigh sinn leann ’s na Tulaichean, Gu’n òl sinn uisge Bhealaichean. Bu Ghriogarach da-rìreadh, A Ruadh-shruth an Gleann-lìobhann, A rinn an ceòl tha riomhach, Ris ’n canar leinn “Na Tulaichean.” [TD 118] B’ ann an Tigh-na sràide A thug iag ionnsaidh bhàis air, ’S mur bitheadh e ro làidir, Bha ochdnar nàmh ro mhurach air. Ach labhair Iain Dubh Gearr riuth’— “Bha mi anns a’ cheàrdaich,* ’S cha chrom mi sios mo cheann duibh, Ged thionndadh sibh uile rium.” ’N sin bhuail iad uil’ air còmhla, ’S ged bha Iain Dubh ’n a ònar, Cha b’ ann d’ am buannachd tòiseach— Bha fuil mu shròin a’ h-uile fir! ’S ’n uair thaisg e suas a gheur-lann, ’S a dh’ ioc e mheud ’s a dh’ éibh e, Thug e ’n sin Srath-Spé air, ’S bha té ann a chuir furan air. Chuir iad cuideachd làidir An deigh Iain Duibh Mhic Phàdraig, ’S ’n uair shaoil leò e bhi ’n sàs ac’ ’S e ’m bàs a bh’ air a chumadh dhaibh. Oir thàinig fios an uaigneas Do ’n t-sabhal, ’s e ’n a shuain ann— “Tog ort, Iain Duibh, ’s bi ’gluasad, ’S thoir as cho luath ’s is urrainn duit!” ’S e thuirt a leannan ceutach— “A ghaoil, cuir ort! bi treunmhor, A’s dhuit bidh mise feumail, Oir éiridh mi ga d’ chuideachadh. “Thoir uidheam dhomh gu sùrdail, A’s lìonaidh mi gu dlùth dhuit, ’N sin cumsa, ’ghraidh, do chùl rium, ’S do shùil air a’ h-uile fear.” * Alluding to his being armed. [TD 119] Sheall e cia lion a bh’ ann diubh, M’ an rachadh e g’ an ionnsaidh— Bha dà fhear dheug a’s ceannard, Cho teann air ’s a b’ urrainn daibh. Chum e riù a’ bhòtach, ’S bha Iseabal ga ’cliòmhnadh. Cha do thar iad gus an eòlas, ’S ann leòn e gu h-ullamh iad. Gheàrr e leum gu h-aotrom, G’ an ionnsaidh agus fraoch air; Cha d’ fhàg e ceann air h-aon diubh, ’Thoirt sgéil air an turas ud. Mo bheannachd air an t-sealgair! Annad chuirinn earbsa! ’S tu rinn an gniomh neo-chearbach; ’S tu dhearbh a bhi urramach! Thuirt Iain Dubh, ’s e ’tionndadh— “Bho ’n rinn mi ’n gniomh bha shannt orm, Ghaoil, grad thoir deoch d’an leann domh, ’S gu’n danns mi ‘Na Tulaichean.’” Their breitheamhna na tìre, Ma labhras iad an fhìrinn— “De n’ thig de cheol á fìdhlean ’S e ’s rìgh dhiubh ‘Na Tulaichean.’” Tha “Tulach-gorm” a’s “Seann-triubh’s” Ro ainmeil ’s an àm so; A’s ged a tha, cha samhl’ iad Do m’ annsachd, “Na Tulaichean.” Ge math a’ “Chutach-chaol-dubh,” ’S gach ceòl a ta ri fhaotainn, Cha tig iad mar fhad glaoidhe Do m’ ghaol sa, “Na Tulaichean.” [TD 120] B’ e ’n t-aighear a’s an t-éibhneas, ’N am cruinneachadh r’a chéile, ’N uair chluinneamaid na teudan Ga ’n gleusadh do “Na Tulaichean.” Air féillibh no aig bainnsean, ’N uair théid an deoch ’n an ceann-san, Gu’n éirich fonn air seann daoin’ A dhannsadh “Nan Tulaichean.” Na ’m bithinn mar bu ghnàth leam, ’S Mac-Ailpein a bhi làmh rium, Bu bhinn leam bhi ga ’chlàisteachd, ’N uair thàradh air “Na Tulaichean.” Ged tha mi leth-chiad bliadhna, ’S mo chiabhagan air liathadh, Cha tugainn féin mo bhriathran, Nach iarrainn “Na Tulaichean.” Bho Thulaichean gu Bealaichean, ’S bho Bhealaichean gu Tulaichean; ’S mur faigh sinn leann ’s na Tulaichean, Gu’n òl sinn uisge Bhealaichean. ORAN. Tha ghaoth ’n Iar cho caithreamach, Gu’n d’ chùm i ’n raoir am chaithris mi, A’ smuaintean air na fearaibh sin— ’S mo mhìle beannachd leò! A’ smuaintean air na, etc. Ceud soiridh leis na bràithribh sin, An cliù ’s an nì ’s an saoibhireachd; Air mhile bonn cha ’n’ àich’ainn-sa, Nach b’iad mo ghràdh na seoid. Air mhile bonn, etc. [TD 121] Ceud soiridh leis na bràithribh sin, A dh’fhalbh an dé mu’n tràth so uainn. Bha Ailein a’s bha Rà’ull ann, ’S ur faicinn slàn gu leòir Bha Ailein, etc. Ceud soiridh do’n triall chùramach, A dh’ fhalbh leis an triall Mhùideartach; Ach thusa, Righ, bhi ’d stiùramaich, Air chùlaobh nam fear òg! Ach thusa, Righ, etc. Bha oighre Chaisteil-tioraim ann; Gu’m b’fhoighneachdach luchd-ionaid ort! ’S e sùgh na feòla mire Bha ri sileadh ann ad phòir. ’S e sùgh na feola, etc. Thig clèoc’ de’n t-sìoda Spàinneach ort, ’S na ginidhean ’g am pàigheadh air, Mu chom ’s gun mheang ri àireamh air, Ach àilleachd anns gach dòigh. Mu chom, etc. ’S tu sealgair féidh am beanntanan, An àrd ’s an iosal ghleanntanan; Gur uasal brìgh do linnteanan; ’S tu’n crann a dh’ fhàs gun bhòsd Gur uasal, etc. Nàmhaid geòidh a’s cathain thu, Ròin mhaol ri taobh na flathadh thu: Bidh ’n dòran-donn an tathunn leat, ’S bidh abhag air a lorg. Bidh ’n dòran, etc. [TD 122] ’S ann dh’fhoighnich a’ bhean-sheinnse dhiom, Gu furanach ’s gu foighneachdach, “Na cò’n duin’-uasal loinneil ud, ’S e ’cur a choimhneis oirnn.” No cò ’n duin’, etc. Duine smearail, suairce thu, Ged thug cach Iain-dubh-na-h-uamha ort; Bu tric an comunn uaislean thu, Gach uair ’n uair bhiodh tu ’g òl, Bu tric an comunn, etc. ’N àm suidh’ anns an tigh-sheinnse dhuit, Cha chuirm gun cheòl a phàigheadh tu, Ach cluich a’s ceòl a’s gàireachdaich, A’s geàrrachas mu’n bhòrd. Ach cluich a’s, etc. Ol gu sunndach, suigeartach, Gun sproc, gun ghruaim, gun bhruigireachd; Cha stòp a ghlaodhainn idir dhuit. Ach pige mar-ri còrn. Cha stòp a, etc. ’S beag ioghnadh thu bhi àillgheasach— Gur rioghail am mac Gàidheil thu; ’S iomadh teaghlach stàtail ’M bi do shlàinteachan ’g an òl. ’S iomadh teaghlach, etc. Thig na h-airm gu h-ionalta, Air feileadh geàrr an ioma-chuir, Lann tana, gorm, geur, guinideach, ’S iad fulangach gu leòir. Lann tana, geur, etc. [TD 123] Ma chaidh thu null thar linnichean, Gu ’m bu slàn a chì mi thu! Fear chuil-dualaich, shnìomhanaich; ’S ann leat bu mhiann bhi mòr. Fear chuil, etc. Bu mhiann leat eathar snìomhanach, Druim fada ’s guaillean dìonach, Togail suas a’s dìobradh ann, A chìosnaicheadh muir mhòr. Togail suas, etc. Sgiobadh làidir, fhurachair, Nach gabhadh fiamh san ruinigil, A chumadh air bhàrr tuinne i, Cheart aindeoin cur a’s ceò. A chumadh air, etc. Bu chùmta sios ad bhallaibh thu; Thig triubhas caol an teannadh ort, Brog mhìn, dhubh air a teannachadh, Mu’n troidh nach gearain leòn, Brog mhìn, etc. Fear sugach, saighdeach, leannanach, Nach d’ fhòghluim a bhi aineolach; Bu chùirteir am measg chaileag thu, ’S bu mhaith leat bhi ’n an còir. Bu chùirteir, etc. ’S beag ioghnadh sin ged thachair e, ’S tu geal-mhac ùr nam macannan— Leoghann treubhach, tartarach; Ceud oighre Lachainn òig. Leoghann treubhach, etc. [TD 124] AILEIN DUINN, SHIUBHLAINN LEAT, ORAN LE NIGHEAN FIR SCALPAIDH ANNS NA H-EARRADH. Gur-a mise th’ air mo sgaradh! Cha’n e sùgradh ’nochd th’ air m’ aire. SEISD.— Ailein duinn ò-hì, shiubhlainn leat, I ri-rì-ri-ibh-ò-hio-hùg-òirinn-ò. Ailein duinn ò-hì, shiubhlainn leat, Cha ’n e sùgradh ’nochd th’air m’aire, Ach storm nan sianta ’s meud na gaillinn, Ailein duinn, etc. Ach stoirm nan sianta, etc., Dh’fhuadaicheadh na fir o’n chala. Ailein duinn, etc. Dh’fhuadaicheadh, etc, Ailein duinn, a luaidh nan leannan. Ailein duinn, etc. Ailein duinn, etc., Chuala mi gu’n deach’ thu thairis. Ailein duinn, etc. Chuala mi gu’n, etc. Air a’ bhàta chaol, dhubh, dharaich. Ailein duinn, etc. Air a’ bàta, etc. ’S gun deach’ thu air tìr am Manainn. Ailein duinn, etc. Gu’n deach’ thu, etc., Cha b’e sud mo rogha cala. Ailein duinn, etc. [TD 125] Cha b’e sud, etc., Ach caolas Stiadair anns na h-Earradh, Ailein duinn, etc. Ach caolas Stiadair, etc., No Loch Mhiabhag anns na beannaibh. Ailein duinn, etc. Ailein duinn, a laoidh mo chéille, Gur-a h-òg a thug mi spéis dhuit. Ailein duinn, etc. Gur-a h-òg, etc., ’S ann an nochd is bochd mo sgeula. Ailein duinn, etc. ’S ann an nochd, etc., Cha ’n e bàs a’ chruidh ’s an fhéisidh. Ailein duinn, etc. Cha ’n e bàs, etc., Ach a fhliuichead ’s tha do léine. Ailein duinn, etc. Ach a fhliuichead, etc., ’S muca-mara ’bhi ga d’ reubadh. Ailein duinn, etc. ’S muca-mara, etc. Ged bu leamsa buaile spréidhe. Ailein duinn, etc. Ged bu leamsa, etc., ’S ann an nochd bu bheag mo spéis di. Ailein duinn, etc. ’S ann an nochd, etc., ’S mi nach iarradh caochladh céile, Ailein duinn, etc. [TD 126] ’S mi nach iarradh, etc., B’ anns’ bhi leat air mullach sléibhe. Ailein duinn, etc. Ailein duinn, a chill ’s a nàire! Chuala mi gu’n deach’ do bhàthadh. Ailein duinn, etc. Chuala mi gu’n deach’, etc., Gur-a truagh nach mi bha làmh riut. Ailein duinn, etc. Gur-a truagh, etc., Ge b’e sgeir no bogh’ an tràigh thu. Ailein duinn, etc. Ge b’e sgeir, etc., Ge b’e tiurr’ am fàg an làn thu. Ailein duinn, etc. Ge b’e tiurr’ am fàg, etc. Dh’ òlainn deoch ge b’oil le m’ chàirdibh. Ailein duinn, etc. Dh’ òlainn deoch, etc., Cha b’ ann a dh-fhìon dearg na Spàinne. Ailein duinn, etc. Cha b’ann a dh-fhìon, etc. Ach a dh-fhuil do chuim, ’s i b’fhearr leam. Ailein duinn, etc. O gu’m pàigheadh Dia do d’ anam, Na fhuair mi dhe d’ chòmhradh falaich. Ailein duinn, etc. Na fhuair mi, etc., Na fhuair mi dhe d’ chuid gun cheannach. Ailein duinn, etc. [TD 127] Na fhuair mi, etc. Pìosan dhe an t-sìoda bhallach, Ailein duinn, etc. Pìosan dhe an, etc., Ged nach téid e’m feum ri m’ mhaireann. Ailein duinn, etc. Ged nach téid e ’m feum, etc. M’ achanaich-sa, Righ na Cathrach. Ailein duinn, etc. M’ achanaich-sa, etc. Gun mi ’dhol an ùir no ’n anart. Ailein duinn, etc. Gun mi ’dol, etc., ’N talamh-toll no ’n aite falaich. Ailein duinn, etc. ’N talamh-toll, etc., Ach ’s a’ bhall an deach’ thu, Ailein. Ailein duinn, etc. Ach ’s a’ bhall, etc. Gur-a mise th’ air mo sgaradh! Ailein duinn ò-hì, shiubhlainn leat, I-ri-rì-ri-ibh-ò-hio-hùg oirinn-ò, Ailein duinn ò-hì, shiubhlainn leat. MAIRI OG. LE PARAIG CAIMBEUL (PARAIG MOR ARD-SEILE), SEALGAIR-FHIADH A B’ FHEARR A BH’ ANN R’A LINN. E, hó-ró gur tù mo rùn; Thug mi gaol ’s cha b’ aithreach leam; Mo cheist nìonag a’ chuil duinn; ’S toigh leam fhìn mo Mhàiri òg.* * His favourite gun. [TD 128] Gur-a mise tha gu tinn, ’M bothan beag a’s mi leam fhìn, Gun mheigead goibhre no meinn— ’S mòr an t-ioghnadh mi bhi beò. E, ho ro, etc. Gur-a mise tha fo mhulad, ’M bothan beag an cois na tuinne; B’ fheàrr a bhi mar bha mi ’n uiridh, ’S a’ ghleann mhullaich am bi ’n ceò. E, ho ro, etc. Gleann na sithne! gleann an fhéidh! Gleann nan uaislean ’s nam fear treum! ’N uair a rachadh tu air ghleus, Gu’m biodh mac-na-h-éild’ fo leòn. E, ho ro, etc. Dh’ fhalbh do mhathair ’s chaochail d’ athair, ’S cha ’n ’eil do chairdean ri ’m faighinn; ’S “ged tha mi gun chrodh, gun aighean,” Mo chion-falaich Màiri òg! E, ho ro, etc. Cha ’n ’eil duin’-uasal a th’ ann, Eadar Nis a’s Loch-nan-ceall, Nach bi ’maoidheadh air mo cheann, Chionn bhi ’n geall air Màiri òig. E, ho ro, etc. Cha ’n ’eil uasal no fear-fearainn Eadar Mùideart ’s ceann Loch-Carthuinn Nach ’eil an déigh air mo leannan— Siùl a’ mheallaidh Màiri òg! E, ho ro, etc. [TD 129] Ged bu leamsa ’n nighean ruadh— Nighean Impire ’n taoibh tuath,* ’S mòr gu’m b’anns’ bhi sìnte suas, Air druim a’ chuain le Màiri òig. E, ho ro, etc. Ged bu leamsa ’n nighean bhan, Le buaile chruidh, a’s le ’cuid àil, ’S mòr gu’m b’ anns’ a bhi mar thà, ’S a bhi ’n gràdh le Màiri òig. E, ho ro, etc. A bhean-na-bainnse, tog do ghruaim, ’S fhada leam a tha thu ’d shuain; Thoir Gleann-a-màilibh ort a suas, ’S bheir thu fuaim air damh nan cròc. E, ho ro, etc. ’N uair a dhìreas mi ’s a’ mhadainn, Gu Gleann-a-cama-dhoire bharraich, Bidh mo ghunna caol fo m’ achlais, ’S damh nan cabar bidh fo leòn. E, ho ro, etc. ’N uair a theid mi ’chur nan lìon, ’S coimhdheas leatha muir a’s tìr; Coma leam co bhios ’s an luib, Ach an rìbhinn Màiri òg. E, ho ro, etc. Mur bìodh dhomh bhaintighearna bhàn, Nighean oighre fir mo ghràidh, Bheirinn sgrìob a sìos gun dàil ’Ghleann-a-màilibh am bi ’n ceò. E, ho ro, etc. * A Russian gun. [TD 130] ORAN DO MHNAOI-UASAIL OIG GHAIDHEALAICH, AGUS I ’TIGHINN DACHAIDH A SASUNN A PHOSADH. Le Iain Caimbeul, anns an Leideig. Nàile, ’s i mo ghaol-sa ’n rìbhinn ’Thill air ais gu tìr a sìnnsear; Bha ’n fhuil Ghaidh’lach ’ruith gu dìomhair, ’G iarraidh dh’ ionnsaidh fraoch nam fior-bheann. ’G iarraidh dh’ ionnsaidh sneachd nan àrd-bheann, ’S creagan corrach tìr a’ chàirdeis. Ged tha cluaintean Shasuinn àillidh ’S mòr gu’m b’fhearr bhi ’measg nan Gàidheal. ’S iomadh buaidh tha, luaidh, riut sìnte— Buaidhean nach gabh dhomhsa ìnnseadh; Buaidhean pearsa, buaidhean ìnntinn; Buaidhean nach gabh luaidh no sgrìobhadh. Nàdur fiachail, fialaidh, fìnealt, Ann am pearsa chuimir, dhìrich; Cridhe blàth, le gràdh air lìonadh, ’S caoimhneas tlàth do dh-àrd ’s do dh-ìosal. ’S iomadh là bho ’n shuidh do shluagh-sa An Airdmhucnais chais nan stuadhan; ’S Diarmaid féin le ’shleagh ’s le ’armachd ’Sealg nan torc feadh chnoc na Garbhaird. ’N eala bhàn ri guileag bòidheach, Air an loch ’toirt dhuit a còmhdhail; ’S Meadarloch ’s Muc-càrna còmhladh Deanamh gàirdeachais ri d’ phòsadh! Taing do’n fhear thug nuas air làimh thu, ’S ghoid á Sasunn flùr cho àillidh; ’S mòr am beud gun thu bhi làmh rium, ’S luchd do dhùthcha ’n geall gach là ort. [TD 131] Nis gu’n guidh sinn dhuitse ’s dhàsan, Làithean fada ’s sonas àghmhor— Sliochd do shliochd a bhi ’s an àite, ’S oighreachd d’ aithrichean ’bhi fàs leat! ORAN DO IAIN DOMHNULLACH, MAC IAIN, MHIC SHEUMAIS. Le ’Mhuime, Nic-Còiseam. A mhic Iain, mhic Sheumais, Tha do sgeul air m’ aire. Air fara-lai leò, air fara-lai leò. Là blàr a’ chéidhe, Bha feum air mo leanabh. Hì-ò hìri-ibhò hì-éileadh Hì-ò-hìri-ibhò rò-o hao-o Chall éileadh-ò hìri òho-hì-oho. La blàr a’ chéidhe, etc. Air fara-lai-leò, etc. La blàr na feithe, Bha do léine ballach. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Là blàr na féithe, etc. Air fara-lai-leò, etc. Bha fuil do chuirp uasail Air uachdar an fhearainn. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Bha fuil do chuirp uasail, etc. Air fara-lai-leò, etc. [TD 132] Bha fuil do chuirp chùraidh A’ drùghadh troimh ’n anart. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Bha fuil do chuirp chùraidh, etc. Air fara-lai-leò, etc. Bha mi féin ’g a sùghadh, Gus ’n a thùch air m’ anail. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Bha mi féin ’g a sùghadh, etc. Air fara-lai-leò, etc. Bha ’n t-saighead ’n a spreol An corp seòlta na gloine. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Bha ’n t-saighead ’n a spreol, etc. Air fara-lai-leò, etc. ’S cha do ghabh thu ’m bristeadh Lamh leigeadh na fala. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. ’S cha do ghabh thu ’m bristeadh, etc. Air fara-lai-leò, etc. Bho’n là thug thu ’n cuan ort, Bha gruaim air no beannaibh. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Bho’n là thug thu ’n cuan ort, etc. Air fara-lai-leò, etc. Bha snidh’ air na speuraibh, ’S bha na reulta galach. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. [TD 133] Bha snidh’ air na speuraibh, etc. Air fara-lai-leò, etc. Bha ’n raineach a’ ruadhadh, ’S bha ’n luachair gun bharrach, Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Bha ’n raineach a’ ruadhach, etc. Air fara-lai-leò, etc. Mu mhac Iain, mhic Sheumais, Duine treubhach, smearail. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Mu mhac Iain, mhic Sheumais, etc. Air fara-lai-leò, etc. Gruaidh ruiteach na féile Mar éibhil ’g a garadh. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Gruaidh ruiteach na féile, etc. Air fara-lai-leò, etc. Cha ’n eagal leam dìth dhuit, Ach sìoban ga d’ dhalladh. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Cha ’n eagal leam dìth dhuit, etc. Air fara-lai-leò, etc. Anns an eilein ìosal, Eadar Niall a’s Ailein. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Anns an eilein ìosal, etc. Air fara-lai-leò, etc. Anns an eilein fhuaraidh, Gun luachair gun bharrach. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. [TD 134] Anns an eilein fhuaraidh, etc. Air fara-lai-leò, etc. Na’m biodh agam curach, Gu’n cuirinn air chuan i. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Na’m biodh agam curach, etc. Air fara-lai-leò, etc. A’s gille math turuis ’Bhiodh furachail uaithe. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. A’s gille math turuis, Air fara-lai-leò, etc. Feuch am faighinn naigheachd Air mac an duin’ uasail. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Feuch am faighinn naigheachd, etc. Air fara-lai-leò, etc. Na’m faighinn beachd sgeul’ Air ògh’ Sheumais a’ chruadail. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. Na’m faighinn beachd sgeul’, etc. Air fara-lai-leò, etc. ’S càirdeach a Righ Leoghais, Mo leoghann glan, uasal. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. ’S càirdeach a Righ Leoghais, etc. Air fara-lai-leò, etc. Mac-Leoid anns na h-Earradh, ’G e caraid e ’s fuar e. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. [TD 135] MacLeoid anns na h-Earradh, Air fara-lai-leò, etc. ’S càirdeach tha mo leanabh, ’Shìol Ailein Mhic-Ruairidh. Hì-ò-hìri-ibhò, etc. ’S a mhic Iain, mhic Sheumais, Tha do sgeul air m’ aire. Hì-ò-hìri-ibhò-hì-éileadh, etc. ORAN DO NA FASAIN, LE DOMHNULL MAC-RUAIRIDH. AIR FONN:—Moladh Beinn-dorain. URLAR. Tha solus aig Miss Laing, Anns na seomraichibh, Maighdeanan ro ghrìnn Aice ’còmhnuidh annt; Cnap an cùl a cinn, Cnot uime de ’n t-sìod’— Fasan ’thug i ’n tìr so, ’S cha bhòidheach e. ’S mòr gu ’m b’ annsa cìr, ’S car uimpe de stìom, Currac air an cinn, ’S e bu bhòidhche leam. ’S ann is coltach sibh, Ri maighdeanan Lìt’ ’H-uile te ri strìth Co is leomaiche; Seacaid de ’n t-sìoda Mar chomhdach orr’ Ginidh ann am pris, Mu’n cairear i uimp’, [TD 136] Creachaidh iad an tìr so Le’n gòraiche. Comhairl’ bheirinn fhìn, Air na h-òganaich— Gun iad a bhith strìth, Ris an t-seòrs’ ud dhiubh. ’S goirt a bhios an cinn, Mur faigh iad an tea; B’ fhearr a bhi ’s a’ chill Na bhi pòsda riuth’. SIUBHAL. Na maighdeanan luideach, Le ’n trusganaibh neònach, ’S e fasan gun tlachd A tha aca ga ’n cómhdach’; Bidh tunic m’an cruachainn, A’s bearnan a suas as, ’S com eil’ as air fhuaigheal ’Tha fuathasach neònach. Le’n cais’eart elastic A’ sròiceadh ’s a’ sracadh, ’S ann dh’ fheumas iad carpet Bhi aca fo ’m brògaibh. Ma fhliuchar an casan, Bidh cnatan gu leòr orr’; Co ’s urrainn an cumail, ’S iad uile cho pròiseil? Cha ’n eil stàth dhomh bhi ’g inns’, Mar a dh’ fhàg iad an tìr so; Le fasain ro rìomhach Gu’n mhill iad a stòras— An t-aodach ’s a’ chais’eart A chleachd sinn o’r n-òige. [TD 137] Tha ’n inntinn air ghluasad, A mach thar nan cuantan, Gu Galldachd ’s an uair, Far am buannaich iad stòras. ’S ann a sheòladh iad thairis Far robh Fionn o chionn tamuill, A dh’ Eilean na meala, ’S e fearann na h-òige. Far an cnuasaich iad barrachd ’S a mhaireas ri’m beò dhaibh. Gheobh iad uachdaran fearainn, ’Chumas suas iad ri ’m maireann, ’G am bi spréidh agus earras— Sud barail nan leòmag. URLAR. Tha maighdeanan ’s an tìr so Tha mòrchuiseach, Tha dessert a dhìth Air gu leòir aca; ’S rud anns am bi brìgh, ’Bhios aca le tea; Cha ’n éirich iad tràth, Cha tig e ri ’n càil, Fuireach anns a’ bhlàths, Sud a chòrdadh riuth’. ’S mòr an t-aobhar truais. Mar tha cuid de ’n t-sluagh, Nis air cinntinn suas, Ann an stròdhalachd. Fasain bha ’s an Fhraing Air tighinn a nall; Bidh Soiree ’s an àm, Air gach còdhail ac’. Cha dean brochan méig [TD 138] Feum an aite tea; ’S mòr an t-aobhar spìd A thé dh’ òlas e. B’ fhéarr dhaibh brochan càil ’Ghabhail ’s a’ mhìos Mhàirt, ’S e bheireadh dhaibh slàint Fad an beò-laithibh— Dh’ fhàgadh fallain, fuasgailteach, Ogail iad; Fulangach air fuachd, Muigh an àm na buan’, Ged bhiodh sneachda suas Mu na dòrnaibh ac’. Sin agad a’ bhuaidh A bha air an t-sluagh Bho’n a chinn iad suas— Cha robh pròis annta. AN CRUNLUATH. Cloinn-nighean anns an fhearann so, ’S b’e ’n t-amadan gun eolas A theannadh riuth’ ri leannanachd, No mhealladh gin de’n t-seorsa. Tha ’n inntinnean cho aralach ’S nach urrainn duibh an anagladh Bidh fuachd n an druim gun charuchadh A’ gearain air an còmhdach, Cha ’n éirich iad ach aindeonach, Mur cuir thu tea an tarraing dhaibh, A thogas fuachd na maidne dhiubh Mu’n ceangail iad an còta. Gu’n cum iad cnàmhan-teallaich riut, Ag innseadh mar tha’n aimbeartas, ’S a mheud ’s a th’ orra dh’ anshocair, Le ghainnead ’s a tha ’n stòras. [TD 139] Ged leanainn air an ealain dhaibh, Fhad ’s ’bhithinn air an talamh so, Cha ’n innsinn trian de’n aimbeartas Tha ’n ceangal ris a’ phòr ud. DO’N CHUTHAIG. LEIS AN LIGHICHE MAG-LACHAINN NACH MAIREANN. Failt’ ort féin, a chuthag ghorm, Le d’ oran ceolmhor, milis; ’S e seirm do bheoil ’s a’ chéitein og A thogadh bron o m’ chridhe. ’S ro bhinn leam d’ fhuaim ’s a’ mhadainn chéit’, ’S tu air bàrr géig ’s an innis, No ’m feasgar ciùin aig bun nan stùc ’N uair bhiodh an drùchd a’ sileadh. O, innis c’ àit’ an robh do thriall ’N uair bha na siantan fionnar; N’ an robh thu ’tosd gun chàil, gun toirt, An còs a’ chnuic fo dhubhar? ’S mor m’ fharmad riut, a chuathag chaomh, Cha dean thu bron ’n ad shiubhal; Chionn tha do dhoire daonnan gorm, ’S do chridhe daonnan subhach. Ged theicheas tu roimh ’n fhuachd air àm, Gu’m faic do ghleann thu rithist; Ach ’n uair bheir mise ris mo chùl, Cha bhi mo dhùil ri tilleadh. ’S truagh nach b’ urrainn domh leat triall Air astar sgiath’ ’n ar dithis— Le caismeachd bhinn ’toirt fios gach àm ’N uair bhiodh an Samhradh ’tighinn. [TD 140] ORAN. AIR FONN:—“Coille Chragaidh.” LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN NACH MAIREANN. Nis o ’n chaidh an sgoth ’n a h-uidheam, Suidheam air a h-ùrlar; Cuiribh oigear seolta, sgairteil, Do Chloinn-Airt g’ a stiùradh; Nall am botal, lìon an copan, Olamaid le dùrachd Deoch-slàinte gach creutair bochd ’Tha ’n diugh fo sprochd ’s an dùthaich. Siùdaibh illean, càiribh rithe, Bithibh cridheil, sunndach; Thugaibh làmh gu h-ealamh, dàn’ Air cur an àird’ a siùil rithe; Na biodh cùram oirbh, no eagal, Seasamaid ar cùrsa; Ruigidh sinn gu cala sàbhailt’, Ged is dàn an ionnsaidh. Chaidh sinn seachd air a’ Ghràtair Ged a b’ àrd a bhùirich; Ged a bha Bun-dubh cho gàbhaidh Ràinig sinn a nunn air; ’Dol seachad Sòi, Rìgh, bu mhòr An crònan bh’ aig na sùighean; ’S e mo ghrádh an stiùradh grinn, Nach leigeadh mill g’ ar n-ionnsaidh. Nunn do Mhuile, nunn do Mhuile, Nunn do Mhuile théid i; Nunn do Mhuile air bàrr tuinne Ged robh mhuir a’ beucaich. [TD 141] ’S mi tha sunndach air a h-ùrlar, Air bàrr sùigh ag éirigh; Mo ghràdh an iùbhrach làidir, dhùbailt’, ’S na fir lùthmhor, ghleusda! ORAN. AIR FONN:—“O nighean donn nan gabhar.” LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN NACH MAIREANN. Ged a tha mi ’n nochd ’s a’ chòisridh Maille ri fleasgaichean bòsdail, ’S nìonagan cho riomhach, spòrsail, Le sìoda ’s le srol a’ danns— Nìonagan cho riòmhach, stràiceil, ’S beag a chuir mi dh’ ùigh ’n an àbhachd; ’S mòr gu’m b’ annsa leam ’bhi ’mànran Riut, a ghràidh, air sgàth an tùim. ’S mòr gu’m b’ annsa leam bhi ’sugradh Leis an nìonaig chaoin-ghil, chùil-duibh, Anns an doire ’n goir an smùdan— Bun an stùic air ùrlar glinn. Chi mi pailteas deoch ’g a taomadh— Fion a’s branndai ’s brìgh a’ chaochain, B’ annsa leamsa uisg’ an aonaich Bho d’ làimh chaoimh aig taobh an uillt. ’S ann a bhòdhras iad le ’n ceòl mi— Pìob, a’s fidhléireachd, a’s bòilich; ’S mòr bu bhinne leam do chòmhradh, ’S d’ òrana ’bu mhòdhar fuinn. [TD 142] ’S ann leam fhéin bu bhinne chòisridh Anns a’ mhaduinn chéitin, cheòthar— Uiseagan os cionn nan lòintean, Smeòraichean air meòir ’s a’ choill, Crodh a’ nuallanaich ’s a’ geumnaich, Laoigh a’ ruithteis, a’s a’ leumnaich— Buachaillean a’ ruaig a chéile, A’ cumail an treud ud cruinn. Sud an ceol is binne chualas, Luinneag foil aig bannal ghruagach, Ag iomain a’ chruidh-laoigh do ’n bhuaile— Cuach a’s buarach air an druim. Mo leannan fhein ’n an teis-meadhoin, ’Seinn an orain cheol-mhoir, mhilis,— Anail chùbhraidh, deud is gile, Anns a’ bheul is grinne ponc. Lasadh mo chridhe le gràdh dhuit ’N uair a nochdadh thu air fàireadh, ’S tu cho geal ro cobhar sàile, ’Tighinn gu tràigh air bhàrr na tuinn. Ged a thug mi ré a’ Gheamhraidh Air na sràidean anns a’ Ghalldachd, Bidh mi ’triall an tùs an t-Samhraidh ’Shealltainn m’ annsachd anns na glinn. Théid mi ’shealltainn air an ainnir ’N uair a thriallas uainn an t-Earrach; Leam bu taitneach suidhe mar riut, Mo làmh tharad, ’s mi riut teann. Leam bu taitneach suidhe làmh riut Ann am bhreacan air an àiridh, Ag éisdeachd ri d’ chòmhradh màlda— Bhiodh mo làmh fo d’ leadan donn. [TD 143] AM MINISTEIR ’S AM BAILLIDH. Le Donnachadh Mac-Dhunléibhe. Am Ministeir ’s am Bàillidh, Am Bàillidh ’s am Ministeir; Ged ’s truagh rinn orm am Bàillidh, ’S e shàraich mi am Ministeir. Diciadain rinn sinn gluasad, Bha ghaoth bho’n tuath mar shireadhmaid; Thachair Bean Rob Ruaidh* oirnn, ’S gu’n d’ thug i ’Chluaidh a thiota sinn. Am Ministeir, etc. ’Dol seachad sraid Iamaica, Cha chluinnt ach Beurla sin aca; Bha buidealan ga’n teumadh, ’S chuir sinn r’a cheile sgillinnean. Am Ministeir, etc. ’Dol seachad air an Trongate, Bha fun ac’ oirnn nach ruithemid; Gach fear a’s muc air ròp aige, Gu’m b’ olc an drobh ri’n iomain iad. Am Ministeir, etc. ’N uair thomhais mi Diluain i, Cha robh mo dhuais ach meadhonach; Cha b’ urrainn i bhi buadhar, Cha d’ fhuair mi ach aon ghini oirre. Am Ministeir, etc. Illean, bithibh sunndach, ’S na biodh cùram idir oirbh; Ge d’ chaill sinn air a’ bhùidseir, Tha cùinneadh ’s na h-igheanan. Am Ministeir, etc. * Steamer, “Helen M‘Gregor.” [TD 144] ’N uair chaidh sinn do ’n tigh-òsda, ’S a thòisich òl nan siolachan, Bha Eoghan toileach còrdadh ’S gun phòsadh a bhi idir ann. Am Ministeir, etc. Thuirt Donnachadh “Bidh sinn clear ’s iad, ’S ’n an lìonain cha riobar sinn; Gu’m b’ fhearr leam nighean cìobair, Ged cheannaichinn fhìn na riobainean.” Am Ministeir, etc. ’Dol seachad Cill-a-chiaran, ’S e h-aon ’s a’ chiad a ruitheadh e; ’S ged’ gheibhinns’ a bhi ’m Iarla, Cha’n iarrainn dol a rithist ann. Am Ministeir, etc. Ma bheir mi pòg do nionaig, ’S gu’n innsear sud do’n Mhinisteir, Gu’m féum mi urras làidir, Gu bràth nach dean mi rithist e. Am Ministeir, etc. ’N uair chaidh mi stigh do’n t-searmoin, Chuir iad an àird air spiris mi, ’S gur mise fhuair mo léireadh, Le teanga gheur a’ Mhinisteir. Am Ministeir, etc. Tha’n rìgh a’ tighinn do’n dùthaich, ’S mo dhùrachds’ gu’n tigeadh e, ’S an ceann a thoirt de’n Bhàillidh, ’S am bàs a thoirt do’n Mhinisteir. Am Ministeir, etc. [TD 145] AIR A’ GHILLE THA MO RUN. SEISD:— Air a’ ghille tha mo rùn, Tha mo rùn air a’ ghille; Bho’n a thug thu rium do chùl, B’e mo dhùrachd thu thilleadh. ’S ann a fhuair thu d’ àrach òg, ’N Apainn bòidheach nan gillean; ’S beag an t-ioghn’ thu dh’ éirigh suas, Ann an uaisle ’s an grinneas. Air a’ ghille, etc. ’S meanglan thu d’an chraobh nach lùb, Gur tu fiùran do chinnich; Leathanaich nach lùb ’s an streup, ’S cha ’n ’eil beum air a’ ghille. Air a’ ghille, etc. Falt do chinn tha dualach, dlùth, D’ anail cubhraidh, ro mhilis; Dà shùil mheallach, chorrach, chiuin, ’S tu mo rùn de na gillean! Air a’ ghille, etc. ’S ro-mhath thig sud do mo rùn, Boineid dhù-ghorm a’s iteag; Féileadh preasnach nam ball dlùth, Claidheamh-cùil agus biodag. Air a’ ghille, etc. Tha thu ro-mhath air an t-sliabh, Thoirt nan eun bharr na h-iteig; Gunna dubh a leagadh fiadh, ’S earbag riabhach an fhirich. Air a’ ghille, etc. [TD 146] ’N uair a rachadh tu ’n tigh-òsd’, ’S tu nach sòradh an gini; Bhiodh na botail air a’ bhòrd, Càch ga ’n òl, ’s thu ga’n sireadh. Air a’ ghille, etc. ’S ann am Muile nam beann fuar, Tha mo luaidh de na gillean; Dh’ aithnichinn thu ’measg an t-sluaigh, Leis na h-ùaislean a’ tighinn. Air a’ ghille, etc. Feasgar Nollaig ’dòl gu bàl, Loisg a’s chràidh sud mo chridhe; Gach fear le nionag aig’ air làimh, ’S fear mo ghràidh-sa gun tilleadh. Air a’ ghille, etc. ’S’d é mo theid thu do’n taobh tuath, Gu’m bu luath ni thu tilleadh; Tha na nionagan an gruaim, Bho nach d’ fhuair iad an gille. Air a’ ghille, etc. Gu bheil m’ inntinn-sa cho trom, Ro luing mhoir air bheag sgiobaidh; Bho’n a dh’fhalbh an gille donn, ’Thogadh fonn air mo chridhe. Air a’ ghille, etc. Their mo mhàthair rium gach uair, “Eirich suas ’s tog do mhisneach; Ged ’tha ’n gille fada uait, Cha bhi gruaim air ’n uair thig e.” Air a’ ghille, etc. [TD 147] ’S tric mo shùil thar a’ chuain, Feuch ’d é’n taobh ni thu tighinn; ’S ged a chi mi gillean òg, Cha tog bròn bharr mo chridhe. Air a’ ghille, etc. ’S ann am Muile nam beann àrd, Tho mo ghràdh de na gillean; ’S ged nach d’ thug thu dhomh do làmh, Do dheoch-slàinte cha tillinn. Air a’ ghille, etc. ORAN. LE UILLEAM MAC-A-GHOBHA. Thug mi greis ann an armailt Dheòrsa, A mach air m’ eòlas am measg nan Dù-Ghall; Bheir mi nis greis eil’ air gòraich’, Air siubhal mòintich a’s dìreadh stùc-bheann. Och mar tha mi ’s mi ’siubhal fàsaich, A’s damh na cràice air cur a chùl rium; Nach bochd mo chàramh ’s mi nochd gun fhàrdaich, ’S ged théid mi ’n àiridh, cha ’n ’eil mo rùn ann! ’S moch an diugh a rinn mi éirigh, Ach ’s moiche dh’fheumainn mur bithinn ciùrrta; ’S e mac na h-éilde, le ’langan éibhinn, Ag iarraidh céile, a rìnn mo dhùsgadh. Och mar tha mi, etc. Tha mo chaileag ’dol a phosadh Fear gun eòlas, le mòran cùinnidh; ’S e dh’fhàg mi deurach i bhi ’g a h-éigheach, Le lagh na cléire, ’n a céile ùmaidh. Och mar tha mi, etc. [TD 148] Nach cuimir, bòidheach a’ chruinneag chòmhnard, ’S i dol an òrdugh gu stòl a’ phùsaidh! ’S i toil a càirdean a rinn i ’n dràsta— Na’n robh mi làmh rith’ cha d’rinn i ’n cùmhnant! Och mar tha mi, etc. Ach ’s truagh nach robh mi ’s mo leannan dualach, ’S a’ bhadan uaine ’s an goir an smùdan; ’S an doire luachrach ’s ’am biodh an ruadh-bhoc, ’S am fraoch m’an cuairt duinn ’n a dhualaibh dùghorm Och mar tha mi, etc. ORAN LE DOMHNULL ORRA, AN ILE. AIR FONN:—Posda ceangailte trath. Thug mi mo cheist duit mar chéile, Cha’n àicheadh’nn mo spéis duit gu bràth; Cha ghabhain an saoghal ’s do threigsinn, Na’n tugadh tu fhéin domh do làmh. Na’m faighinn le h-òrdugh na cléir’ thu, Cha’n fharraidinn spreigh leat gu bràth, Gu’m b’fhéarr leam gun pheighinn domh fhéin thu, Na mòran le té ’bhiodh gun stath. Do chalpa deus, cumachdail, dùmhail, Troidh chuimir air ùrlar ’s air sràid; Ban-dannsair tha sgiobalta, lùghmhor, ’S gu’n cois’neadh i cliù anns gach bàl; Le feobhas do bheus a’s do ghiùlain, Gu’n d’rinn thu mo lùbadh gu làr; ’S gur iomadh gill’ òg anns an dùthaich, A dh’fhaodadh a’ chuis so a ràdh. [TD 149] ’S tu ainnir nan ròs-ghruaidhean daithte; ’S tu òigh an fhuilt bhachalaich, thlàith, Gu h-amlgach, deanachdach caiste, ’S gu’n gléidh e an dealt air a bhàrr. Do sheang chorp cumachdail, banail; Gur gil’ thu na canach a’ chàrr, ’S cha’n fhaodadh an rìgh bhi gun leannan, ’S tu bhi an àit’ aithnichte dha. Dà ghorm-shuil’ mheallaich ad aodann, Fo’n mhala chiùin, aobhach is àill’, Do ghruaidh’n cho dearg ris na caorainn, Do bhilean mar mhaoth-ròs fo bhlàth; Gu’n d’ thug mi de cheist a’s de ghràdh duit, Gu’n cuirinn an saoghal ad phàirt, Gu’n reicinn mo chridhe cho saor riut, ’S a gheibheadh tu maorach ’s an tràigh. ’S i ghruagach a thaghainn mar chéile, Té urramach, bheusach, gun sgàth, A dh’ fhuaigheadh, a sgriobhadh, ’s a leughadh, ’S a chumadh mo leintein an àird; Té sheasadh a gealladh gu dìleas, ’S nach tréigeadh an nì bhiodh i ’g ràdh, ’S cha’n iarrainn a leannain bhi lìonmhor, Air eagal a lionadh le stràic. Cha’n aithne dhomh cron ort r’a innseadh; Cha ghabhadh tu dìteadh le bàrd; Cha bhiodh ann ach toibheum dha strìth ris— Cur fodha na fìrinn le tàir. ’S tu ’s boidhche bha riabh anns an rìogh’chd so, ’S cha téid thu air di-chuimhn’ gu bràth, ’S gur onair am feasda do dh-Ile, Do leithid de ribhinn ann dh’fhas! [TD 150] CHUIR IAD AN T-SUIL A PILOT. Chuir iad an t-sùil á Pilot bàn, Chuir iad an t-sùil á Pilot; Chuir iad an t-sùil á Pilot bochd, ’S gun fhios ciod an lochd a rinn e. Dìol mo chuid mulan aig mucan a’ chùbair, Chuir iad ’n an smùid an raoir iad! ’S beag a bha fhios a’m gu’n robh iad ’s an dùthaich Fhad ’s a bha ’n t-sùil am Pilot. Ghleidheadh e dhomhsa ’n gàradh-càil, Gu là bho’n chromadh an duibhre; Policeman riabh cha robh aig na Goill Cho math ris air faireadh na h-oidhche. Ged théid mo do m’ leaba cha’n fhaigh mi lochd cadail, Le balaich a’ bhaile ’s an oidhche; Ach dh’fhaodadh na suirichean fuireach aig baile, Mur dalladh a’ chaile mo Philot. Saoil sibh fhéine nach bu neo-bhanail, Am buill’ thug a’ chaile le foill dha? Gur mairg gill’ òg ’g an leannan a’ bhéisd, Bho’n chuir i bho fheum mo Philot. ’S ged a bhithinn-se tamul air chuan, Gun tighinn gu uair na h-oidhche, Ruigeadh tu ’n cladach a’s gheobhadh tu mi, Ged rachainn air tìr an Haighnis. Bha mo chuilein-se ro-mhath air fuadach, Chuireadh e suas ri beinn iad; Bho chùl an tighe gu’m falbhadh e siùbhlach, ’S ruigeadh e Tùr-an-t-saighdeir. [TD 151] Chuir mi petition a dh-ionnsaidh na Ban-righ A dh’innseadh mar thachair do Philot, ’S thuirt i gu’n cuireadh i gini am dhòrn, A chuireadh sùil òir am Pilot. ORAN GAOIL. SEISD:— Horionn ò, hì rì, Hùg éile, hó ró, Horionn ò, hì rì. Tha mo chion air an ogbhean ’Thainig oirnne thar linnean— Reult aillidh nan oighean, Ann am boidh’chead ’s an grinneas! Horionn o, etc. Reult aillidh nan oighean, Ann am boidh’ chead ’s an grinneas! Slios mar shneachd air an t-sleibhe, Ri là greine air ghilead Horionn o, etc. Slios mar shneachd, etc. Beul is deirge na ’n ròs aic’, Gruaidh is boidh’che na ’n t-siris. Horionn o, etc. Beul is deirge, etc. Deud geal is glan ’dluth— Tha d’ anail chubhraidh ro mhilis. Horionn o, etc. Deud geal, etc. ’S cha mhise ’chiad oigear ’Rinn thu ’leon anns a’ chridhe. Horionn o, etc. [TD 152] Cha mhise, etc. Le d’ iomhaigh ’s le d’bheusan, ’S iomadh ceud thà fo thiomadh. Horionn o, etc. Le d’iomhaigh, etc. ’S fearr an ceol leam do chromhradh, Na’n smeorach air bhinneas. Horionn o, etc. ’S fearr an ceol, etc. Troidh chruinn am broig chomhnaird, Nach dean feoirnein a mhilleadh, Horionn o, etc. Troidh chruinn, etc. Gur luthor i ’s t-seomar, ’N am ceol ’thoirt o’n fhidhill. Horionn o, etc. Gur luthor, etc. Tha mais’ ann ad aodann Nach faodar a thilleadh. Horionn o, etc. Tha mais’, etc. Co sheallas fo’n ghrein air, Nach caill a leirsinn car mionaid! Horionn o, etc. Co sheallas, etc. Tha mise gun storas Le goraich mo chinnidh. Horionn o, etc. Tha mise, etc. Dh’fhag sud mi ri m’bheo Fo throm leon a’s fo thiomadh— Horionn o, etc. [TD 153] Dh’fhag sud, etc. Nach faod mi bhi lamh riut, Le d’ mhanran ’s le d’ mhireadh. Horionn o, etc. Nach faod mi, etc. Cha ’n ’eil agams’ a dhànachd An drast dol ad shireadh; Horionn o, etc. Cha ’n ’eil, etc. Ach na’m faighinn coir sgrìobhte Air an rìoghachd gu ’h-iomall, Horionn o, etc. Ach na’m faighinn, etc. Gu’m bu bhan-righ Catrìona, An ribhinn is grinne! Horionn ò hì rì, Hùg éile, hó ró, Horionn ò, hì rì. BHI GA’N CUIMHNEACHADH ’S GA’N IONDRAINN. Bhi ga’n cuimhneachadh ’s ga’n iondrainn, Na fir ùr a dh’fhalbh thar sàile; Bhi ga’n cuimhneachadh ’s ga’n iondrainn. ’S ann Di-luan a dh’ fhalbh na fleasgaich, ’S a ghabh iad an cead d’an càirdean; ’S gu’m b’i sud a’ chuideachd rìoghail; B’onair iad do’n tìr a dh’fhàg iad. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. [TD 154] ’S gu’m b’i sud, etc. Caiptin Donnachadh, mac Mhic-Dhùghail, Leis an d’fhalbh na fiùran àluinn, Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. Caiptin Donnachadh, etc. ’S na’m bu mhac thu mar an t-athair, Dheanadh tu’n toirt dachaidh sàbhailt. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. ’S na’m bu mhac, etc. ’S bhiodh tu gléidhteach air do dhaoine, ’S cha b’ chùis fhaoin an toirt bho d’ lamhan. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. ’S bhiodh tu gléidhteach, etc. ’S o’n ’s e Donnachadh lamh bu chruaidhe, ’S tric a fhuair e buaidh air nàmhaid, Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. ’S o’n ’s e Donnachadh, etc. ’S tric a fhuair e buaidh le onair— ’S ann tha cothròm aig an dràst oirr’, Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. ’S tric a fhuair e buaidh, etc. Le chuid ghillean sgairteil, gleusda, Làidir, reubhairteach, neo-sgàthach. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. Le chuid ghillean, etc. Théid iad uile deas ’n an tarraing, Grad mar dhealanach gu làmhach. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. Théid iad uile, etc. ’S geal an claidheamh ’s an crios-guaille— Dh’éireadh buaidh le sluagh mo ghràidh-sa! Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. [TD 155] ’S geal an claidheamh, etc. Anns a’ h-uile càs a’s cunnart, ’S mòr an t-urram fhuair na Gàidheil. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. Anns a’ h-uile càs, etc. Dh’fhàgadh iad na Goill gu h-ìosal, Cuid ’n an sìneadh ’s air am màgan. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. Dh’ fhàgadh iad na Goill, etc. Ogh’ Iain Chiar a bha ’n Dun-olla, Rachadh togarrach ’s na blàraibh. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. Ogh’ Iain Chiar, etc. ’S iomadh fear a laidh ’s nach d’ éirich, Dh’innseadh sgéil an déigh do làimh-sa. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. ’S iomadh fear a laidh, etc. ’S b’ ann diubh ’n robair ruadh bha ’n Eirinn; Chuir thu ceann na béisd ’s a ’mhàileid. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. ’S b’ ann diubh ’n robair, etc. ’S thug do ghill’ e ’thigh Iarl Antruim, ’S chroch air sreing e ris a’ chlàraidh. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. ’S thug do ghill’ e, etc. ’S ann Di-luain a dh’fhalbh na gillean, ’S leam bu mhilis an deoch-slàinte. Bhi ga’n cuimhneachadh, etc. [TD 156] ORAN GAOIL. SEISD:— Gu ’m bu slàn do ’n mhaighdinn, Do’n d’thug mi luaidh; Taobh Loch-Aic a dh’fhàs i, Geug bhlàth nam buadh; Gu ’m bu slàn do ’n mhaighdinn, Do ’n d’thug mi luaidh. Ainnir laghach, bhòidheach, ’S math thuirt iad Nic-Leòid riut— Aobhar-ciùil gach òigeir, Chuireadh seòl air duan. Gu ’m bu slàn, etc. Muineal mìn na h-ainnir, Mar shneachd ùr na beinne, Broilleach blàth mar theine, Còmhdach muillein buaidh. Gu ’m bu slàn, etc. ’S air do bhroileach àluinn, Sheallainn sios air Ban-righ; ’S chumadh fiamh do ghàire Mi gu bràth bho ’n uaigh. Gu ’m bu slàn, etc. ’S ann ’s a’ chlachan dùmhail, Ghabh mi beachd an tùs ort; ’S ged bhiodh càch ag ùrnuigh. Bhiodh mo shùil ort shuas. Gu ’m bu slàn, etc. Ged sheinneadh an còmhlan, Cha bhiodh m’ inntinn còmhl’ riu, ’S ged a labhradh Pòl rium, Bhiodh Nic-Leòid am smuain. Gu ’m bu slàn, etc. [TD 157] ’S truagh nach robh mi, eudail, A’s tu ris an spréigh ann, Luidhinn fhéin ’s an fhraoch leat, ’S tu ri m’ thaobh mar uan. Gu ’m bu slàn, etc. TUIREADH. LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN NACH MAIREANN. Tha mulad orm, tha mulad orm, Tha cudthrom air mo chliabh; Am shìneadh air an tulaich ghuirm, Air m’ uilinn anns an t-sliabh; A’ dearcadh bharr a’ mhullaich so Air a’ ghleann ’s an d’ rugadh mi, ’Cuimhneachadh na bhuineadh dhomh, ’S gach duine dhiubh air triall. ’S iomadh òigear curanta A chunnaic mi ’s a’ ghleann, Gu lùthor, làidir, fulangach, Gun uireasbhuidh, gun mheang; Bu chaoimhneil, càirdeil, duineil iad, Gu bàigheil, pàirteach, furanach— An sár dhuin’ uasal urramach ’N a churaidh air an ceann. ’N uair chruinnicheadh an còmhlan ud An déigh trà-noin fo bheus, Gu’m b’fhonnar, binn na h-oigheanan A’ téiseadh ceol nan teud. Cha’n ioghnadh mi bhi ’g osnaich, ’S mo chridhe bhi ’s a’ phlosgartaich; Air Nàile, gur a coltach mi, Ri Oisean’n déigh na Féinn’. [TD 158] Tha mulad orm, tha mulad orm, Gur duine mi gun toirt, A’ cuimhneachadh air m’ uireasbh’ean, Cha’n urrainn domh ’bhi ’tosd; Am aonaran ’s an t-saoghal so, Gun phruip, gun taic’, gun daoin’ agam, ’S mi air an udail fhaontraighe, Mar fhaoilinn feadh nam port. Tha dealt na h-oidhche ’drùghadh Air na dh’ fhuirich orm de m’ chiabh; Tha ’n speur a’ nochdadh rionnagan Gu tiugh an ear ’s an iar; Ag éirigh thar na tulaich ghuirm, A teurnadh leis na mullaichean, Tha mulad orm, tha mulad orm— Cha’n urrainn mi ’chur dhiom. AN T-EACH ODHAR. ’S e mo laochan an t-each odhar, Thainig á Glaschu fodham; ’S e nach gabhadh cuir air theadhair, Air Acha-nan-gamhna. ’S e mo loachan an t-each-iarrainn, Leis an d’ thàinig mi do Ghrianaig; ’S ’n uair a thairngeadh iad an t-srian, ’S e fiadh nach rachadh teann air. ’S e mo laochan, etc. [TD 159] Sud an t-each aig bheil an sgriob, Cha toir e mionaid ri mile; Théid e air leth-dusan sìnteag, Seachad sios air Renfrew! ’S e mo laochan, etc. ’N uair a dh’fhalbh e ’n sin ’n a throtan, A’ cheart cho luath ri Mail Coach, Gu’n do chrom mi sios fo’n drochaid, Mu’n sgrogadh e ’n ceann diom. ’S e mo laochan, etc. Righ! gur mise ghabh an t-eagal, Cha mhor nach deachaidh mi’m bhreislich; ’N uair a thòisich e ri breabail, Gu’n do theich na beanntan. ’S e mo laochan, etc. ’N uair a chaidh e stigh do’n tunnel, ’S a sheall mi mach air an uinneig, Shaoil mi nach faicinn leus tuille, ’S gu’m bu duine dall mi! ’S e mo laochan, etc. Righ! gur mise ghabh an t-ioghnadh, ’N uair a ghabh e an t-sùrdag, Mach troimh phairceanan tùirneip, Troimh chùirn agus deanntaig. ’S e mo laochan, etc. Chaidh mi suas gu fear an fhearainn, Feuch am faighinn e r’a cheannach; ’S chuirinn dhachaidh e gu Sellar, ’Tharraing feamainn gheamhraidh. ’S e mo laochan, etc. [TD 160] Chuirinn e dh’ionnsaidh a’ Mhàidseir, A tharraing nan giomach an t-Sàilein; B’ fheàrr e na’n t-each ruadh aig Da’idh, No’n làir bhàn aig Sandy. ’S e mo laochan, etc. Ach na’m faighinn-se chur dhachaidh Còmhl’ ri pony Acha-rainich, Bhiodh Dughal, mac Iain ’Ic-Lachainn ’Cumail ceart na h-engine. ’S e mo laochan, etc. ’S na’m faighinns’ air an rail e, H-ùile car gu Rugh’-na-h-àirde Ghabhainn troimh mhonaidhean Fhearnaig, ’S theàrnainn air Gleann-Sanda. ’S e mo laochan, etc. Ach na’m faiceadh cuid de dhaoine, Dìreadh ri Bealach-gaoith e, ’S ann a thòisicheadh iad ri glaodhaich Gu’m b’ e ’n saoghal thall e! ’S e mo laochan, etc. Sud an t-each ’s a bheil an cruadal, ’S a fhuair an t-urram air luaithead; ’S e nach fheumadh dol a bhualadh, Sguab dha anns a’ gheamhradh. ’S e mo laochan, etc. ’N uair a chriochnaich mi mo dhuanag, Chaidh a h-éisdeachd le duin’-uasal, ’S thuirt e rium na’n rachainn suas, Gu’m faighinn cuach de bhranndaidh. ’S e mo laochan, etc. [TD 161] ORAN. DO AILEAN CAMARON. IONAR-SGATHADAIL, LE SEUMAS SHAW. So deoch-slàinte Ghaidheil ghasta Choisinn cliù air thùs nan gallan, Làmh a ni na crùin a sgapadh, ’S nach bi airsneulach ga ’n dìol. Dh’ innsinn air thoiseach an òrain Fineadh an fhiùrain gun fhòtus,— Camaronaich o bhun na Mòr-thir ’S o Lochaidh an òlteadh fìon. So deoch, etc. ’S ioma meangan a tha lùbadh, ’S a’ dìreadh mu ghuaillnibh an fhiùrain, Bidh na Camaronaich air thùs ann, A’s Dòmhnullaich nach diùltadh strìth. So deoch, etc. ’S beag an t-ioghnadh sud a thachairt, Ged nach tionndadh tu le gealltachd, ’S fuil nan Stiùbhardach o’n Apuinn ’Bualadh bras ’cur reachd mu d’ chrìdh’. So deoch, etc. Do na h-uaislean tha thu càirdeach; Cha’n ann bho ’n iomall a dh’fhàs thu; Eadar Aird-ghobhar a’s Cinn-gheàrr-loch Far an àird’ am fàs a’ choill. So deoch, etc. ’S beag an t-ioghnadh i bhi éibhinn, Ge b’ é té a gheobh dhi fhéin thu— Cridhe fialaidh’n còm na céille Nach cuir éislein oirr’ a chaoidh. So deoch, etc. [TD 162] Dannsair thu air ùrlar clàraidh, Cho math ’s a tha measg nan Gàidheal; Cha mhios thu’d sgiobair bàta, Ga ’toirt sàbhailte gu tìr. So deoch, etc. Dà shùil mheallaich ann ad aodann, Aghaidh mhaiseach, thlachd’or, aobhach, Slios mar eala bhàn nan caoiltean. ’Shnamhadh aotrom air an tuinn. So deoch, etc. ’S iama talla a’s tigh-tàirne, Am bi iad ag òl do dheoch-slàinte. ’S sgoileir thu ’sgriobhas gu sàr-mhath; Dròbhar àrd air a’ chrodh-laoigh. So deoch, etc. ’S ioma baintighearn’ le ’cuid stòrais, A bhiodh toileach air do phòsadh, Le fàinneachan air am meòraibh, Le ’n gùnndaichean sròil a’s sìod. So deoch, etc. Dh’ éireadh tu moch maduinn chéitein, Bhiodh damh nan cabar fo éislein; Cha’n’eil fios aig neach fo ’n ghréin so, Ciod an ceud-fath tha ga d’dhìth. So deoch, etc. ’S beag an t-ioghnadh thu bhi ainmeil, ’S thu’n fhuil rioghail, mhuirnich, mheamnaich, Tha thu d’an fhine neo-chearbach— Gallain ris an earbd’ an Righ. So deoch, etc. [TD 163] ORAN. ’S é luath-bheul na h-ìgh’nne duibh Chuir gruaim air mo leannan rium, Tha m’ fhuaths’ air an nighinn duibh, Nach urrainn mi ga ’àicheadh. Gun d’ thug mi cion do’n chìobair, Do ghaol a thug do’n tìr mi; Gur mis’ a tha fo mhi-ghean, Ma dhìobair thu cho tràth mi. ’S e luath-bheul, etc. Do ghruaidhean mar an caorann Do shlios cho gheal ’s an fhaoilinn, Dà shùil ghorm ad aodann; Do mhala chaol a chràidh mi. ’S e luath-bheul, etc. Calp’ an t-siubhail bhòidhich, Troigh shocair am bròig chòmhnaird; Mur am faigh mi còir ort, Cha bheò mi gu Feill-Màrtainn. ’S e luath-bheul, etc. ’S e mo ghaol an t-òigear Is deise théid an òrdugh; Gur mise th’ air mo leònadh, Bho’n sheòl thu uainn air sàile. ’S e luath-bheul, etc. ’S ann aig taobh na dìge, A shuidh mi leat a bhrìodal; ’S bu toilichte bha m’ inntinn, Na sgriobhadh air na h-àrdaibh. ’S e luath-bheul, etc. [TD 164] Dh’fhalbh mo leannan bòidheach, Am bliadhn’ a dh’-arm Righ Deòrsa, ’S cinnteach mi thair mhòran, Gu’n còrd thu ris a’ Mhàidseir. ’S e luath-bheul, etc. Gur mise tha gu brònach, ’S mi m’ shuidh’ air cnoc am ònar, ’S mi ’n so a’ deanamh òrain, Do’n òigear tha mi ’n gràdh air. ’S e luath-bheul, etc. Gur e mo ghaol an t-uasal A dhìreas ris a’ chruachan; Do ghunna air do ghuallainn, ’S an eilid ruadh fo phràmh ann. ’S e luath-bheul, etc. ORAN CHLOINN-GHRIOGAIR. AIR FONN:—Bothan-àiridh ’m Bràigh-Raineach. Mi am shuidhe ’n so ’m ònar Air còmhnard an rathaid, Dh’fheuch am faic mi fear fuadain ’Tigh’nn o Chruachan a’ cheathaich. Dh’fheuch an faic, etc. ’Bheir dhomh sgeul air Clann-Ghriogair, No fios c’ion a ghabh iad. ’Bheir dhomh, etc. ’S iad bu chuideachda dhòmhsa Di-dòmhnuich so chaidh. ’S iad bu, etc. Cha d’ fhuair mi d’ an sgeula Ach iad bhi ’n dé air na sraithibh— [TD 165] Cha d’ fhuair, etc. Thall ’s a bhos mu Loch-fìne, Ma ’s a fior mo luchd-bratha; Thall ’s a bhos, etc. Ann an Clachan-an-Diseart, ’G òl fìon’ air na maithibh. Ann an Clachan, etc. Bha Griogair mòr, ruadh ann— Làmh chruaidh air chùl claidhimh. Bha Griogair, etc. Agus Griogair, mòr, meadhrach— Ceann-feadhn’ ar luchd-tighe, Agus Griogair, etc. Mhic an fhir á Srath-Arduil, Bhiodh na bàird ort a’ tathaich, Mhic an fhir, etc. ’Bheireadh greis air a’ chlàrsaich ’S air an tàileasg gu h-aighear, ’Bheireadh greis, etc. ’S a sheinneadh an fhidheal, ’Chuireadh fiughair fo mhnathan. ’S a sheinneadh, etc. ’S ann a rinn sibh ’n t-sithionn anmoch Anns a’ ghleann am bi’n ceathach. ’S ann rinn sibh, etc. Dh’fhàg sibh an t-Eòin bòidheach Air a mhòintich ’n a laidhe; Dh’fhàg sibh, etc. ’N a stairsnich air féithe, ’N déigh a reubadh le claidheamh. [TD 166] ’N a stairsnich, etc. ’S ann a thog sibh ghreigh dhùghorm Bho luban na h-abhann. ’S ann a thog sibh, etc. Ann am bothan na dìge Ghabh sibh dìon air an rathad; Ann am bothan, etc. Far an d’ fhàg sibh mo bhiodag. Agus crios mo bhuilg-shaighead. Far an d’fhàg, etc. Gur i saighead na h-araich So thàrmaich am leathar. Gur i saighead, etc. Chaidh saighead am shliasaid— Crann fiar air dhroch shnaitheadh. Chaidh saighead, etc. Gu’n seachnadh Righ-nan-Dùl sibh Bho fhùdar caol, neimhe, Gu’n seachnadh, etc. Bho shradagan teine, Bho pheileir ’s bho shaighead, Bho shradagan, etc. Bho sgian na roinn’ caoile, ’S bho fhaobhar caol claidhimh! Bho sgian, etc. ’S ann bha bhuidheann gun chòmhradh Di-dòmhnuich ’m bràigh bhaile; ’S ann bha, etc. ’S cha dean mi gàir éibhinn, ’N àm eirigh no laidhe. [TD 167] ’S cha dean, etc. ’S beag an t-ioghnadh dhomh féin sud, ’S mi an déigh mo luchd-tighe. ’S beag an t-ioghnadh, etc. ’S mi’m shuidhe ’n so ’m ònar Air còmhnard an rathaid. GED THA MI GUN CHRODH GUN AIGHEAN. SEISD— Ged tha mi gun chrodh gun aighean, Gun chrodh-laoigh gun chaoraich agam; Ged tha mi gun chrodh gun aighean, Gheobh mi fhathast òigear grinn. Fhir a dh’ imicheas thar chuantan, Giùlain mìle beannachd uamsa, Dh’ ionnsaidh òigear a’ chuil dualaich, Ged nach d’fhuair mi e dhomh fhìn. Ged tha mi gun chrodh, etc. Fhir a dh’ imicheas am bealach, Giùlain uamsa mile beannachd; ’S faod’s tu innseadh do mo leannan, Gu’m beil mi’m laidhe ’so leam fhìn. Ged tha mi gun chrodh, etc. Fhleasgaich thàinig nall á Suaineart, Bu tu fhéin an sàr dhuin’-uasal; Gheobhainn cadal leat gun chluasaig, Air cho fuar ’s g’ am biodh an oidhch’. Ged tha mi gun chrodh, etc. Ged nach ’eil mo spréidh air lòintean Mo chrodh no mo chaoraich bhòidheach, Bheirinn tochar dhuit an òrdugh, Cho math ri te òig ’s an tir, Ged tha mi gun chrodh, etc. [TD 168] Ged tha mi gun chrodh gun chaoraich, Cha’n ’eil mi gun mhaise ’m aodann; Dh’fhighinn breacan a bhiodh caol dhuit, ’S dheanainn aodach a bhiodh grinn. Ged tha mi gun chrodh, etc. Naile! ’s mise tha fo mhulad, A’s mi ’tamh ’s an t-seòmar mhullaich; An leannan bh’ agamsa an uiridh, ’S ann tha ’n diugh rium cùl a chinn. Ged tha mi gun chrodh, etc. Naile! ’s mise th’air mo leònadh, Mu òigear a’ chuil bhachlaich, bhòidhich; Gur e sud an sgeul a leòn mi, Thu bhi ’giùlan còt’ an Righ. Ged tha mi gun chrodh, etc. Naile! ’s mis’ tha dubhach, deurach, ’N seomar ard a’ fuaigheal leine; Chaidh mo leannan gu Jamaica, ’S ciod am feum dhomh bhi ga ’chaoidh? Ged tha mi gun chrodh, etc. AN GILLE DUBH CHA TREIG MI. An gille dubh cha tréig mi, ’S le fear a’ chruidh cha téid mi: An gille dubh cha tréig mi, Bho’n thug mi fhéin mo ghealladh dha. Tha mo chàirdean deònach, ’S iad toileach mise ’phòsadh, Ri fear air son a stòrais— Nach gòrach leibh ’n am barail iad! An gille dubh, etc. [TD 169] Is e mo ghaol an t-uasal A dh’ imich thar nan cuantan; Bu shealgair choileach-ruadh e, M’ an gluaiseadh iad ’s a’ chamhanaich. An gille dubh, etc. ’N uair dhireadh tu na stucan Le d’ ghunna caol nach diùltadh, Bhiodh coilich-dhubh na durdail Ga’n toirt a chùl nan toman leat. An gille dubh, etc. ’N uair theid thu thun na feille Do’n chlachan ri là greine, Cha ’n fhaicear measg nan ceudan Fear eugais a’ ghille dhuibh! An gille dubh, etc. Gur e mo ghaol an t-oigear Aig ’bheil a’ phearsa bhoidheach— Troidh chuimir am broig chomhnaird Nach toir air feoirnein carachadh. An gille dubh, etc. Gur e mo ghaol an t-oigear Aig bheil a’ mheall-shuil bhoidheach; Gu’n aithnichinn do cheum còmhnard A mach air lòin a’ bhaile so. An gille dubh, etc. Gur e mo ghaol an t-àrmunn A chaidh a nunn thar sàile; Na ’m faighinn cead do chàirdean, Gun dàil gu ’n deanainn banais dhuit. An gille dubh, etc. [TD 170] Cha b’ ioghnadh mi bhi ’n tòir ort, ’S do ghruaidhean mar na ròsan; Do chneas mar chanach lòintean, ’S mar ite ’n eòin do mhalaidhean. An gille dubh, etc. ’S ann an raoir a rinn mi bruadar Am chadal air a’ chluasaig— ’S a’ mhadainn, ’n uair a ghluais mi, Gu ’m b’ fhada bhuam an gille dubh. An gille dubh, etc. Gur mise th’ air mo lionadh, ’Bhi cuimhneach air do bhriathran; Gu ’m b’ fhearr nach fhacas riabh thu, Ma thug thu ’m bliadhna ’n car asam. An gille dubh, etc. Ma rinn thu mise ’thréigsinn Le comhairle luchd-bréige, Cha ’n fhiosrach mi fo ’n ghréin Ciod am feum a th’ anns an leannanachd. An gille dubh, etc. Ma rinn thu mise ’thréigsinn Le comhairle luchd-bréige, Mo mhile beannachd féin leat Bho ’n ’s e gu ’m b’ fheudar dealachadh. An gille dubh, etc. ORAN GAOIL. Nach gòrach mi gad’ chaoineadh, ’s nach caoineadh tu mi, ’S ro ghòrach thug ma gaol dhuit, ’s gu’m faod thu bhi ga m’ dhìth; Ma ’s e lugh’d mo stòrais, a dh’ fhàg do dheòin ga m’ dhìth, O’s fheudar dhomh bhi beò, ged nach pòsadh tu mì. [TD 171] Ciod rinn mi ort a dh-eucoir, ’n uair thréiginn an tìr? Cha tugainnse beum ort, ged thréigeadh tu mi; Cha chreidinn droch sgeul ort, cha bu léir dhomh as i; ’S ged chuireadh iad breug ort, cha’n éisdinnse rìth’. Ged gheibhinns’ an Roinn-Eòrpa, ’s na bheil de stòras innt’, Ged gheibhinn sud air m’ òrdugh, a’s àite còmhnuidh innt’, Ge’d dh’ éighteadh am dhiùc mi, ’s ged chrùinnteadh mi’m rìgh, O b’fheàrr a bhi riut pòsda, mur diùltadh tu mi, ’S i mo ghaols’ an òg-bhean, is bòidhche na càch; Do chùl daithte ’n òrdugh, mar neòinein a’ fàs; Mo ghaolsa mhaighdean bhòidheach, o’n tig an còmhradh blàth— Na’n gealladh tu mo phòsadh, bu bheò mi o’n bhàs. ’S i mo ghaolsa mhaighdean, ’s fine theid ’n a gùnn, ’S i mo ghràdhsa mhaighdean, gu’m faighnichdinn thu— Gu’m faighnichdinn roimh n-òr thu aig bòidhchead do shùl, ’S e’n gaol a thug mi òg dhuit thug deòir air mo shùil. Mo chridhe cha dean éirigh, ged dh’ éisdinn ri ceòl; M’ aigne cha ’n ’eil eutrom, ge’d ’s fheudar dhomh bhi beò; Tha leann-dubh air m’ aodann, ’s mi daonnan fo bhròn; O b’ fheàrr mu’n tug mi gaol dhuit bhi’u ciste chaol nam bòrd. Gur mise tha fo ghruaimein, ’s nach gluais mi leam fhìn, Mu’n ghaol thug mi do’n ghruagaich, ’s gun duais dhomh da chinn; Ma bheir fear eile bhuam thu, nach truagh a bhios mi; O b’ fhearr a bhi ’s an uaigh na thu, luaidh, bhi ga m’ dhìth. Comhairl’ thoirt air òig-fhear—’s cha ghòraich e i— Gun ghaol thoirt do dh-òg-bhean, cho bòidheach ’s g’am bi i, Ma labhras i gu ciùin ruit, cum dùinte do chrìdh’, ’S feuch, mu’n toir thu rùn di, gu’n lùb thu leat i. [TD 172] CUMHA AN T-SEANN GHAIDHEIL, AIR ’FHAGAIL LEIS FEIN ’S A’ GHLEANN. Le N. Mac-Leoid. Tha sgiathan na h-oidhche ga ’n sgaoileadh a nall, ’S an ceò air a lùbadh mu stùcan nam beann; Tha deòir air mo shùil-sa ’s gun m’aigne ach fann, Air m’fhagail am aonar a’ caoineadh ’s a’ ghleann. Tha eunlaith nan geugan a’ ghleusadh an rann, ’S a’ leumnaich le sòlas, ’s ri ceòl feadh nan crann; Tha ’n àlach mu’n cuairt daibh gu h-uallach a’ danns’, Ach àlach mo ghaoil-sa, gach aon diubh air chall! Tha mo chiabhagan tana, ’s tha claisean am ghruaidh, Oir tha céile mo ghraidh-sa ’n a sìneadh ’s an uaigh, Agus triùir dhe mo phàisdean mu bhlàthmhoire greann, ’N an sìneadh fo leacan a’ chlachain ud thall. Ged tha eoin bheag a’ chéitein a’ tréigsinn nan tom, ’N uair a chomhdaicheas reòdhtachd a’s dòruinn am fonn, Bheir samhradh mu’n cuairt iad gu bruachaibh nan allt— Ach càirdean mo ghaoil-sa cha taobh iad an gleann. Tha na fàrdaichean blàth a bha ’g àrach nan sonn, Bu shuilbhire gàire ’s bu bhàigheile com, Far am b’fhàbharach càirdeas do’n ànrachan lom, ’N an làraichean fàsail air cnàmh gus am bonn. Cha’n fhaicear am buachaill’ a’ ruagail mu’n chrò, No banarach ghuanach, le buarach ’n a dòrn; Bu bhinn leam a duanagan uallach, gun ghò, Le cuailein m’a guaillibh mar dhualaibh de’n òr. Cha’n’eil clàrsach no seannsair ga’r dùsgadh le ceòl, ’S tha mactalla ’n a shùain ann an uaimhibh nam fròg; ’S na laoich a bha lùghor mu stùcan a’ cheò, Rinn fòirneart an sgiùrsadh bho dhùthaich an òig’. [TD 173] Ach sìth do na dh’fhalbh agus buaidh leis na seòid! Tha m’ fheasgar-s’ air ciaradh ’s mo ghrian fo na neòil; Cha ’n fhad’ gus an crìonar mo chiabhan fo’n fhòid, Far an caisgear gach pian, ’s an téid crìoch air gach bròn. BIODH AN DEOCH SO ’N LAIMH MO RUIN. SEISD:— Biodh an deoch so ’n laimh mo rùin, Slàinte le fear an Tùir; Biodh an deoch so ’n laimh mo rùin. Oladh no na òladh càch i, Biodh i làn air ceann a’ bhùird. Biodh an deoch, etc. Sùil gu’n d’thug mi thar mo ghuallainn, ’S rinn mi cuairteach air a’ chuan. Biodh an deoch, etc. Chunnacas bàta air an fhairge, ’S lamh dhearg air an stiùir. Biodh an deoch, etc. Chunnaic mi ’dol seach na caoil i, ’S badan fraoich ’s an t-slat-shiùil. Biodh an deoch, etc. Fhir a chunnaic air an t-sàil’ i, Beannaich an long bhàn ’s a crew. Biodh an deoch, etc. Beannaich a croinn àrd ’s a h-acfhuinn, A cuid acraichean ’s a siùil. Biodh an deoch, etc. Ged a tha mi so an Cola, B’e mo thoil e dol a Rùm. Biodh an deoch, etc. [TD 174] Agus as a sin do dh-Uithist, Na ’n d’ fhuair mi mo ghuidhe leam. Biodh an deoch, etc. ’S mairg a shamhladh Cola creagach, Ri Dùnbheagain no Dun-tùilm. Biodh an deoch, etc. Mo rùn air muime nam macaibh, A bhiodh ga’n altrum aig a’ ghlùin. Biodh an deoch, etc. ’S gur-a ladurn’ thuirt am balach, Ri Mac-Cailein an Tùir. Biodh an deoch, etc. Múr a b’e gur tu mo bhrathair, ’S mi nach àicheadh idir thu. Biodh an deoch, etc. ’S e am mac a b’ fhearr na ’n t-athair, An cliù, an aighear, ’s an sùnnd. Biodh an deoch, etc. ’S truagh nach fhaicinn Caisteal Dhubhaird ’Dol ’n a sprudhan anns a’ ghrunnd. Biodh an deoch, etc. Dh’ òlain deoch slàinte Righ Seumas, ’Bhi ga ’éigheach air a’ chrùn. Biodh an deoch, etc. Bidh mi ’nis a’ sgur ga m’ sheisreach, Bho’n tha ’m feasgar ’leagail drùchd. Biodh an deoch, etc. [TD 175] MAC OG AN IARLA RUAIDH. SEISD.— Hìllinn, ìllinn, iù ho-ró, Hìllinn, ìllinn, iù ho-ró, Hìllinn, ìllinn, iù ho-ró, Hìllinn iu-ó, hug óro ì. “Cha teid mise chaoidh de m’ dheòin Gu mac òg an Iarla Ruaidh, Gus an cuir a’ bheinn ud shios Culaobh ris a’ bheinn ud shuas. “Cha téid mise chaoidh de m’ dheòin Gu mac òg an Iarla Ruaidh, Gus an dean an eala bhàn Nead gu h-àrd air bharr nan stuadh. “Cha téid mise chaoidh de m’ dheòin Gu mac òg an Iarla Ruaidh.” Gus an cuir am bradan breac Trì chuir mhear an crò nan uan.” Thog a muime thall a ceann— “’S gorach leam do chainnt, a luaidh; Bheir thu gaol roimh Fheill-an-ròid Do mhac òg an Iarla Ruaidh. “Cainnt nan og-bhean tha mar dhruchd A ni grian a shughadh suas; M’an tig Samhain bidh tu pòsd’ Aig mac òg an Iarla Ruaidh.” A’ bheinn ud shuas ’s a’ bheinn ud shios, Cha do charaich riabh ’s cha ghluais, Ach thug Mairi gaol gun ghò Do mhac òg an Iarla Ruaidh. [TD 176] Tha ’n eala ’gur ’s an eilean bhàn, ’S am bradan tàrr-gheal feadh a’ chuain, ’S tha Mairi nis ’n a céile phòsd’ Aig mac òg an Iarla Ruaidh. Hìllinn, ìllinn, etc. ORAN DO GHILLE A CHAIDH A BHATHADH. SEISD:— Air fàillirinn, ìllirinn, I ho ró hù o; Air fàillirinn, ìllirinn, Och o rinn ù. ’S ann aig Port an Tigh-àiridh, ’Thogadh siùil ris a’ bhàta; ’S cha b’ i ’n stiùir a rinn d’ fhàgail, Ach gu ’n d’ fhàil’nich na bùird. Air fàillirinn, etc. ’S ann shios aig Sgeir-chailleach, Tha mo ghaolsa ’n a laidhe, Fo fhaoileig na mara, ’S fo ghaillinn nan stùdh. Air fàillirinn, etc. ’S mòr am beud do chùl clannach Bhi g’a reubadh ’s an fheamainn, Gun chiste, gun anart, Ach gainneamh a’ ghruinnd, Air fàillirinn, etc. ’S na ’n rachadh do bhàthadh, ’N uair a chaidh mo thriùir bhràithrean, Gheibhinn leth-sgeul, a ghràidh-ghil, Gu bràth bhi ga d’ chaoidh. Air fàillirinn, etc. [TD 177] ’S cha truagh leam do phiuthar, Ged a tha i dheth dubhach; Théid is’ ann an cuideachd, ’S bidh a mulad air chùl. Air fàillirinn, etc. Gur truagh leam do mhàthair A shaothraich air d’ àrach, ’S nach d’ fhuáir i de dh-fhàbhar Bhi ga d’ charamh ’s an ùir. Air fàillirinn, etc. Fhir nan camagan donna, Mhuineil ghil ’s an uchd shoilleir, ’S mi gu ’n rachadh ad choinnimh, ’S cha bu choma leam thu! Air fàillirinn, etc. ’S mi ’dìreadh a’ bhealaich, ’S trom mo cheum ’s mi air m’ aineol; ’S ma bha sùgradh air m’ aire, Chaidh e tamul air chùl. Air fàillirinn, etc. ’S ann air feasgar Di-màirt, Dh’ fhalbh sgiobadh bha àluinn, Chaidh a dh-iarraidh a’ bhàta, Rinn d’ fhàgail ’s a’ ghrunnd. Air fàillirinn, etc. ’N uair thruiseas na gillean, ’S a sheinneas an fhidheal, Ciamar thogas mo chridhe ’S gun thu ’tighinn, a rùin! Air fàillirinn, etc. [TD 178] [The following stanzas evidently belong to another song having a similar refrain.] Tha ’n Nollaig a’ tighinn, Ris nach éirich mo chridhe, ’S cha cheil mi ort idir, Gu bheil snidh’ air mo shùil. Air fàillirinn, etc. ’S ann am bothan na buaile, ’S an taice na h-uaisle, Rinn do ghaol-sa mo bhuaireadh, Gar ’n d’ bhuannaich mi thu. Air fàillirinn, etc. Tha mo ghaol air an fhleasgach— Chuir mi litir g’ a ghreasad, ’S ged nach dean e mo fhreasdal, Tho mo chion air co-dhiubh. Air fàillirinn, etc. A’ dìreadh ’s a teàrnadh Nam bruthaichean àrda, Chi mi tighinn am bàta, ’S gun mo ghràdh air an stiùir. Air fàillirinn, etc. ’S gur mi tha fo mhulad, Air an fhraoch ’s mi air m’ uilinn; Chi mi ’m bàta fo ’h-uidheam, ’Tigh’nn bho Uithist nan stùc. Air fàillirinn, etc. [TD 179] ORAN LE GILLE OG D’ A LEANNAN AGUS I AIR FHAGAIL. An nochd is tric a’ faireach mi Le cabhaig ás mo shuain; Mi carachadh ’s a tionndadh, ’S ag iondrainn na bheil bhuam; Gur i an rìbhinn bhanail ud A dh’ atharaich mo shnuadh, Bho ’n ghabh mi cead le duilichinn Glé mhoch-thràth dhi Di-luain. Cha ’n ’eil uair a chi mi thu Nach lion thu mi le bròn; Mo chridhe trom le duilichinn, ’S e mulaideach gu leòir, Mu ’n té ud a bha feitheamh orm, Le foighidinn ro-mhòir, B’ fheàrr mu ’n d’ rinn thu m’ fhàgail Am bàs gu m’ chuir fo ’n fhòid. Ochòin! a’s ciod a dh’ fharraich mi ’N uair chaidil mi cho mòr, ’S a leig mi dhiom le di-misnich An rìbhinn aoibheil òg! B’ fheàrr a bhi gun aodach, An ciste chaoil nam bòrd, Na bhi faicinn d’ aodainn, ’S nach fhaod mi dol ad chòir. Cha ’n àiceadh mi ach aidicheam, Gun fhacal ann de bhréig, Nach d’ fhuair agus nach faighinn-se Na b’ fheàrr na thu fo ’n ghréin, [TD 180] Ma bha thu riamh tràth foilleil dhomh, Bha choire agam féin; Mo ghaol a’ mhaighdean ùrailteach, ’S ro mhuladach mi ’d dhéigh. Do dheud tha mar na neòineinean, Do phògan mar a’ mhil; Do chùl tha bachlach, òr-bhuidhe, ’S e ’n òrdugh air do shlios; ’N uair theannadh tu ri ’shlìogadh Gur fada ’chìt’ a dhreach; ’S ’n uair leagadh tu le cìr e Leat mheallteadh mìle fear. Is diombach mi do ’n bhalach ud, Thàinig oirnn á machair Ghalld’; ’S a rinn le stòras buaireasach, Do mhealladh bhuam ’s an àm; Na ’n tachrainn anns a’ bhealach air, No anns a’ ghleann ud thall, Gur ann mu dhéigh na gruagaich, A rachainn ’bhualadh lann. Ach bheirinn mionnan fìrinneach Co cinnteach ris a bhàs, Ged a leagteadh ’m Bìobull, ’N a shìneadh air mo làmh, Nach cualas dad de mhi-chliù ort, Ach sòghail, caoimhneil, blàth; Cha b’ ioghnadh thu bhi dìleas dhomh, Bho ’n thug mi féin dhuit gràdh. Gu ’m bu slàn do m’ ghruagach; Is mìlis cainnt a beoil— Dh’fhàg thu bho’n Di-luain ud mi, Fo bhruilleadh a’s fo leon. [TD 181] Cha’n fhaod mi féin a ràidhtinn, Gu’n d’ fhag thu mi le d’ dheòin; Ach bhiodh do chàirdean dìombach, Mur aontaicheadh tu leo. IS TOIGH LEAM A’ GHAIDHEALTACHD. LE IAIN CAIMBEUL, ANNS AN LEIDEIG. AIR FONN:—“Cogadh no sìth.’ Is toigh leam a’ Ghàidhealtachd, ’s toigh leam gach gleann, Gach eas agus coire an dùthaich nam beann; Is toigh leam na gillean ’n an éideadh glan, ùr, A’s boineid Ghlinn-garaidh mu’n camagan dlùth. Is toigh leam ’n an deis’ iad, o’m mullach gu’m bonn, Am breacan, an t-osan, an sporan, ’s an lann; ’S bòidheach iad sgeadaicht’ an éideadh an tìr— Ach ’s suarach an deise, seach seasmhachd an crìdh’. Sheas iad an dùthaich ’s gach cùis agus càs, Duais-bhrathaidh cha ghabhadh ged racht’ an cur bàs; ’S ged shàraicht’ an spiorad ’s ged leagteadh an ceann, Bha ’n cridhe cho daingean ri carraig nam beann. Is toigh leò na h-igheanagan ’s b’ ainneamh an t-àm Nach bithinn ’n an cuideachd ’n uair gheibhteadh ’bhi ann; ’S na ’m faighinn-se té dhiubh á dùthaich mo chrìdh’, Gu ’n siùbhlainn-se leatha gu iomal gach tìr. ’S toigh leam a Ghàidhlig, a bàrdachd ’s a ceòl, ’S tric ’thog i a nìos sinn ’n uair bhiodhmaid fo leòn; ’S i dh’ ionnsaich sinn tràth ann an làithean ar n-òig, ’S nach fàg sinn gu bràth gus an laidh sinn fo ’n fhòd. [TD 182] ’S toigh leam na cleachdaidhnean ceanalta bh’ ann; Na biodh iad air dhi-chuimhn’ a nis aig a’ chloinn; An coimhneas, an càirdeas, am bàigh a’s an t-eud, Thug cliù dhoibh ’s gach dùthaich fo chùirtean nan speur. Nis tha dùthaich ar gaoil ’dol fo chaoraich ’s fo fhéidh; Sinn gu ’r fuadach thar sàile mar bhàrrlaich gun fheum; Ach thigeadh an cruaidh-chàs, ’s co sheasas an stoirm? O, co ach na balaich le ’m boineidean gorm’! Co sheas ris na Frangaich ri àm Waterloo? ’S an Russia, chuir Alma gu h-ìosal ’s an ùir? Co, anns na h-Innsean, ’thug saorsa do ’n t-sluagh? O, co ach na Gàidheil bho dhùthaich na buadh! Canar an gaisge ’s an domhan mu ’n cuairt, Air sgiathaibh na gaoithe g’a sgaoileadh thar chuan: Is fhad ’s a bhios rìoghachd ’n a seasamh air fonn, Bidh cuimhne gu dìlinn air euchdan nan sonn. ’S ma rùisgear an claidheamh a rithist gu strìth, Ged ’s ainneamh ur cuideachd, bidh trusadh ’n ar tìr; Bidh clanna nan Gàidheal ri aghaidh gach càs, ’S iad guallainn ri guallainn, gu buaidh no gu bàs. THUG MI GAOL DO’N T-SEOLADAIR. Air feasgar sàmhraidh Sàbaid dhomh ’S mi gabhail sràid leam féin, Na smeòraich bha gu ceilearach, ’S iad àrd air bhàrr nan géug— Mi cuimhneach’ air an àrmunn Is àillidh tha fo ’n ghréin— Nach truagh nach robh mi còmhla riut A’ còmhradh greis leinn féin! [TD 183] Bho ’n thàinig mi do’n dùthaich so Gur beag mo shunnd ri ceòl, Bho ’n dh’fhàg mi tìr nan àrd-bheann, Far ’n d’ fhuair mi m’ àrach òg; Far am biodh féidh ’s na firichean, A’s bric air linne lòin, Far ’m biodh na h-òighean uaibhreach ’Dol do ’n bhuaile le ’n laoigh òg’. Tha m’ athair a’s mo mhàthair, ’S mo chàirdean rium an gruaim; ’S ann tha gach h-aon dhiubh ’g ràidhtinn— “Gu bràth an tig ort buaidh? An di-chuimhnich thu ghòraich Bho d’ òige ’thog thu suas?” ’S ann thug mi gaol do ’n t-seòladair ’Tha seòladh thar a’ chuain! Tha ’anail leam cho cùbhraidh Ris na h-ùbhlan ’s mi ga ’m buain; A dheud cho geal ’s an ìbhri, A chneas mar fhaoileann cuain; A ghruaidhean mar an caorann, ’S a chaol-mhala gun ghruaim— O, thug mi gaol nach dìobair dhuit Gus ’n sìnear mi ’s an uaigh! Gur lionmhor mais’ ri àireamh Air an àrmunn dh’fhàs gun mheang, Gu ’n aithnichinn féin air fàireadh thu, ’S tu àrd air bhàrr nam beann; Bu deas air ùrlar clàraidh thu, ’N uair thàirneadh tu ’n tigh-dhanns’— Troigh chuimir am bròig chluaiseinich— ’S gach gruagach ort an geall! [TD 184] Thar leam gur mi bha gòrach ’N uair a thòisich mi ri dàn; Cha bhàrd a dheanadh òran mi, ’S cha chòir dhomh dol ’n a dhàil; Tha ni-eigin air m’ inntinnse ’S cha ’n fhaod mi inns’ do chàch, Gu ’n tug mi gaol do ’n t-seòladair Air long nam mòr chrann àrd. Ach innsidh mise ’n fhìrinn duibh— Mur bheil mo bharail faoin, Tha gaol nam fear cho caochlaideach, ’S e ’seòladh mar a’ ghaoith, Mar dhriùchd air madainn chéitein, ’S mar dhealt air bhàrr an fheòir; Le teas na gréine éiridh e ’S cha léir dhuinn e ’s na neòil. ’S ma s’ nì e nach ’eil òrdaichte, Gu ’n còmhlaich sinn gu bràth, Mo dhùrachd thu bhi fallain, ’S mo roghainn ort tharr chàich! Ma bhrist thu ’nis na cùmhnantan, ’S nach cuimhne leat mar bha Guidheam rogha céile dhuit A’s laidhe ’s éirigh slàn! MUILE NAM MOR-BHEANN. Am Muile nan craobh tha mhaighdean bhanail, D’ an d’thug mi mo ghaol ’s mi faoin am bharail; ’S ma chaidh e fo sgaoil ’s nach faod mi’faighinn Gu’n taobh mi caileagan Chòmhail. [TD 185] SEISD.— Bho’n tha mi gun sunnd, ’s is dùth dhomh mulad, Cha tog mi mo shuil ri sugradh tuille; Cha teid mi le muirn gu cuirt nan cruinneag, ’S mo run am Muile nam mor-bheann. Tha maise a’s uaisle, suairceas a’s ceanal, A’ direadh a suas an gruaidh mo leannain; Ma bheir thu dhomh fuath, ’s nach buan do ghealladh Ni uaigh a’s anart mo chòmhdach. Bho ’n tha mi gun sunnd, &c. Tha maise no dhà ri àireamh fhathast Air bean a’ chuil bhàin nam blàth-shul meallach; Ma bheir thu do làmh, gu’m fàs mi fallain, ’S bu shlàinte mhaireann do phòg dhomh. Bho ’n tha mi gun sunnd, &c. Do shlios mar an fhaoileann, taobh na mara, Do ghruaidh mar an caorann, sgaoilt’ air mheangan; Sùil ghorm is glan aoidh, fo chaoin-rosg thana— ’S tu ’n òigh a mhealladh gach òigear. Bho ’n tha mi gun sunnd, &c. Tha smuaine no dhà an tràth-s’ air m’ aire; Cha ’n innis mi ’chàch ceann-fàth mo ghalair; Ged laidheas mi tràth, cha tàmh dhomh cadal, ’S do ghràdh ga m’ sgaradh an còmhnuidh. Bho ’n tha mi gun sunnd, &c. Gur math ’thig an gùnn o’n bhùth do’n ainnir, ’S an fhasan is ùire ’n cùirt nan Gallaibh;* Troidh ghloin am broig ùir—’s i dùint’ le barr-iall— Nach lùb air faiche am feòirnein. Bho ’n tha mi gun sunnd, &c. * Lowlanders. [TD 186] Do chul mar an lion ’n a mhile camag, Nach greannach fo chir, a’s siod’ ga ’cheangal; Do dheud mar na dìsnean, dìonach, daingean; Beul binn a ghabhail nan òran. Bho ’n tha mi gun sunnd, &c. ’S e ’sgar mi o m’ chiall ro mhiad do cheanail, ’S o’n chaidh thu do ’n t-sliabh, nach b’ fhiach leat m’ fharaid; ’S e d’ aogas a’s d’ fhiamh ’chuir pian am charaibh, ’S cha mhiann a bh’ agam air stòras. Bho ’n tha mi gun sunnd, &c. A HO RO, MO MHAIRI LURACH. A ho ro, mo Mhàiri lurach, Do ’n d’ thug mi mo ghaol cho buileach, ’S e dh’ fhàg mi am bliadhn’ fo mhulad, Nach fhaod mi fuireachd ad chòir. Moire ’s i mo ghaol a’ ghruagach, Seang chorp fallain—thug mi luaidh dhuit; ’S bho nach fhaod mi deanamh suas riut, Bidh mi fuasgaladh nan seòl. A ho ro, etc. Bidh mò smuaintean anns gach àm ort, Ged a b’ ann a’ dol do ’n chrann mi; Chuir thu seacharan am cheann, ’S cha ’n amais mi air ceann nan ròp’, A ho ro, etc. Bidh mi smaointeach ort am leaba, Bidh mi bruadar ort am chadal, Cha leig mi thu, ’ghaoil, ás m’ aire, Fhads’ tha mi air thalamh beò. A ho ro, etc. [TD 187] ’S tu mo chadal, ’s tu mo dhùsgadh, ’S anns a’ mhadainn ’s tu ’s cruit-chiùil dhomh, ’S ann ort a leagainn mo chùrsa, ’N uair bhiodh càch an dlùths’ a’ cheò. A ho ro, etc. Moire, ’s i mo ghaol an ainnir— Do dhà ghruaidh mar chaor air mheangan, Fàileadh an t-subh-chraoibh de d’ anail, S’ gur tu m’ aighear de n’ tha beò. A ho ro, etc. Moire, ’s i mo ghaol an rìbhinn— Com is deise leam a chi mi; Mala chaol mar it’ an fhìor-eòin— ’S toigh leam fhìn mo Mhàiri òg. A ho ro, etc. An robh thu ’m barail, a Mhàiri, Gur h-ann ga d’ mhealladh a bha mi? ’S dòcha leam thu na mo mhàthair, Ged is i rinn m’ àrach òg. A ho ro, etc. An robh thu ’m barail, a ghruagach, Gur h-e do stòras bha mi ruagadh, Tha do thochar ann ad ghruaidhean— B’ fheàrr leam sud na buaile bhò. A ho ro, etc. Cha ghabh mise sud mar thàmailt, Ged chuir thu fear ùr am àite; Ach bidh mise falbh air sàile— ’S gur fhaisge dhomh bàs na beò. A ho ro, etc. [TD 188] ORAN. AIR COMHDHAIL BHLIADHNAIL LUCHD AITEACHAIDH MHUILE AGUS I CHALUIM CHILLE. LE DUGHALL MACPHAIL. AIR FONN.—“Dh’ olainn slainte Thearlaich.” LUINNEAG— Deoch-slàinte Chòirneil Gàrdyne, Dh’ òlamaid fo stràchd i, Air chumhnant ’fhaicinn ann an Glaschu, Fo bhratach nan Gàidheal. Dh’ òlamaid a shlàinte, “Ged leònadh i gu bàs sinn”— An sar dhuin’-uasal leis nach suarach Beus a’s tuar nan Gàidheal. Deoch-slàinte, etc. ’S taitneach leam an sgeul ud A dh’ fhiosraich mi ’n Duneideann, E ’bhi tigh’n thar’ bhàrr nan tonn, Gu coinneamh chlann na féille. Deoch-slàinte, etc. Air ghaol an nochd bhi làmh ris, An “Seòmraichean na Banrigh,” Sùd mi ’n diollaid an eich iarrainn, ’Dol gu h-iar air bàinnidh. Deoch-slàinte, etc. B’i sud an lùchairt àluinn, Gun choimeas dhi air àirde, Air leud ’s air fad, an dealbh ’s an dreach, Ach Parthenon na h-Aithne. Deoch-slàinte, etc. [TD 189] ’N uair thaom a stigh do’n lùchairt, ’N an sreathan daingean, dùmhail, Na fiùrain dhìleas nach do dhiobair, Cleachdadh tìr an dùthchais— Deoch-slàinte, etc. Air ceann gach reang, ’n uair ghluais iad, Bha ’phiob is rìoghail nuallan— A chliathlu dhìonach, chruaidh-ghlan, bhinn, A thogadh dhinn gach smuairein. Deoch-slàinte, etc. Na maighdeanan deas, guamach, Le lì nan beann ’n gruaidhean, Ri taobh nan gallan ùrail, sgeanail, Sunndach, smiorail, uasal. Deoch-slàinte, etc. An òigridh fhallain, fhuasgailt’, Gun ghaoid, gun ghìomh, gun bhruailein, Grainne-mullaich nam flath duineil, Bho Mhuile nan fear-bheann. Deoch-slàinte, etc. Bha ’n sealladh ud ni b’ àillidh, Na fèillean Iuno ’s Bhàcuis; An còmhlan rùnach, clann mo dhùthcha, ’Danns’ air ùrlar clàraidh. Deoch-slàinte, etc. Bha Rosaich ann ’n an ceudan, Bho ’n Liob gu iochdar Chréithich, ’S o Eilein I nan garbh-fhear mòra, ’S nam ban bòidheach, beusach. Deoch-slàinte, etc. [TD 190] Mar stoirm a marcachd sìne, Ri creagan Bhuirg a’s Ghrìbuinn, Bha sliochd nan sonn o Loch-nan-ceall, Dà thaobh a’s ceann Loch-scrìodain. Deoch-slàinte, etc. A Mòr-inis nan sàr-laoch, Cuinnish a’s Leth’r Arois, Sliochd nan dròbhair à Gleann-forsa, ’S cosgaraich o’n t-Sàilein. Deoch-slàinte, etc. Gu fìnealt’ mar bu dual dhoibh, Bha òigridh na Leth-uachdraich, Bho oighreachd Dhubhaird a’s Lochbuidhe— Ceann uidhe nan uaislean, Deoch-slàinte, etc. THA MO RUN AIR A’ GHILLE. Tha mo rùn air a’ ghille, ’S e mo dhùrachd gu ’n tig thu; ’S mi gu ’n siùbhladh leat am fireach Fo shile nam fuar-bheann. Oidhche shamhraidh dhomh ’s mi ’m ònar, Na ’m b’ urrainn domh gu ’n denainn òran, ’S truagh, a rìgh, nach robh mi pòsd’ Air òigear a’ chùil dualaich! Tha mo rùn, etc. O, gur e mo cheist an t-òigear, Fear chùil duinn ’s an leadain bhòidhich; ’S mi gu ’n siùbhladh leat thar m’ eòlais, Ged tha ’n còta ruadh ort. Tha mo rùn, etc. [TD 191] ’S mòr a thug mi ’ghaol do ’n fhiùran, Tha mach á teaghlach Chill-Iùnduinn; Sealgair fhiadh thu ’m beinn a’ bhùiridh, ’S eilid lùth nan luath-chas. Tha mo rùn, etc. Ged tha blàth na bric’ ad aodann, Cha do lughdaich sud mo ghaol ort; ’S mi gu ’n siubhladh leat an saoghal, Na ’n saoilinn do bhuannachd. Tha mo rùn, etc. Phosainn thu dh’aindeòin mo chairdean, Gun toil m’ athar, no mo mhathar; Iain saor a tha mi ’g àireamh, Bho ’n ’s e chnàmh a’ ghruag dhiom. Tha mo rùn, etc. Tha’n Nollaig a’ tigh’n as ùr oirn, Ged a tha, gur beag mo shùrd rith’; ’M fear nach fagadh anns a’ chùil mi, Air chul na’n tonn uaine! Tha mo rùn, etc. ’S beag a shaoilinn fein an uridh, Gu’n treigeadh tu mi cho bùileach; Mar gu’n tilgeadh craobh a duilleach, Dh’fhas thu umam suarach. Tha mo rùn, etc. ORAN GAOIL. ’S i so a’ bhliadhna chuir ás domh ’S a sgiol am falt bharr mo chinn. ’S a’ chuid a dh’ fhan deth air glasadh, ’S a’ falbh ’n a mholl leis a’ ghaoith. [TD 192] Cha dean lighich bonn feum dhomh, Nì fo ’n ghréin ach aon nì, Bho ’n nach fhaicinn mo cheud-ghràdh, ’S mi call mo chéille g’a caoidh. Tha mo shùilean air sileadh, Ceart cho mhìn ris an allt, Tha mo bheul air fàs tioram, ’S tha mo chridh’ air fàs fann. Chaidh mo choiseachd am moillead, Chaidh mo chadal air chall; Bho ’n là dhealaich mo leannan Rium ’s a’ chlachan ud thall. Gur i ’n òigh a th ’air m’ aire, Bean nan gorm-shùilean blàth’; Bean nan calpannan cruinne, Nach ’eil tuisleach air blàr. Cha léir dhomh cron cuim ort Bho d’ mhullach gu d’ shàil, Ach nach d’ aontaich thu lùbadh, A chiall ’s a rùin, rium le blàths’. ’S ged a théid mi do ’n leabaidh, Cha ’n fhaigh mi cadal no tàmh, Ach a’ smaointinn mu m’ leannan Bean is banaile dh’ fhàs. Sùil ghorm is glan sealladh— Fhuair thu barrachd air càch; Leam is gil’ thu fo d’ anart, Na ’n eal’ air an t-snàmh. Thug mi gaol dhuit da-rìreadh Seach aon té fo ’n ghréin, Ni mi ’chomhdach le fìrinn, Agus ’innseadh gun bhréig. [TD 193] Ged bu leam na trì rìogh’chdan, ’S còir sgrìobhte dhomh fhéin, Bheirinn iad le toil-inntinn, ’S d’ fhaotainn singilt’ o’n chléir. Na ’m falbhadh am faoileach ’S an uair chaochlaideach, fhuar, Bheirinn sgrìob thar a’ mhonaidh Dh’ fhios na cailinn ud shuas. Tha do ghruaidh mar na ròsan, ’N uair is bòidhche gu ’m bi, Blas na meal’ air do phòige, ’N uair a dheònaichinn i. Tha do ghruaidh mar an caorann, No mar aogasg an ròis, Beul briotanach caoin thu, Mala chaol mar it’ eòin. Troidh chruinn am bròig aotruim— Thug mi gaol dhuit ro-mhòr, Fhad ’s is maireann mo shaoghal Cha chaochail mi seòl. Tha mo cheann air a lionadh Le flabhrus ro àrd, Le breisleach do chiall-sa, ’S le iarguin do ghràidh. Chuirinn fios ort na ’m b’fhiach leat Tighinn, a chiall, air mo sgàth, ’S na ’n tigeadh tu ’m fhianuis Bhithinn ciad uair ni b’fheàrr. Tha mulad, tha mulad, Tha leann-dubh orm fhéin, Chionn gu ’n d’ leig mi mo chruinneag, Le aon duin’ tha fo ’n fhréin. [TD 194] ’S ma rinn iad thu mhealladh Ann an gradaig bhuam fhéin, Leigidh mi mo chiad beannachd Gach aon là ás do dhéigh. NIGHEAN DONN NAM MEALL-SHUIL. Hùgaibh air nigh’n donn nam mall-shuil, ’S trom mo cheum an déigh mo leannain; Hùgaibh air nigh’n donn nam meall-shuil! Mo nighean donn nam mala caola, ’S misde mi na thug mi ’ghaol dhuit; Cha d’ fhuair mi dhuit cron no aobhar, Ach cho aomach ’s bha do ghealladh. Hùgaibh, etc. ’S mo nighean donn nam meall-shùil blàtha, ’S misde mi na thug mi ’ghràdh dhuit: Leam nach b’ aithreach suidhe làmh riut; Thug thu dhomh do làmh ’s do ghealladh. Hùgaibh, etc. Gur a lionmhor mais a’ fàs ort, Bho mhullach do chinn gu d’ shàiltean; Leis gach beus cha léir dhomh d’ fhàillinn; Thug thu bàrr air càch le ceanail. Hùgaibh, etc. Do phears’ aotrom, aoidheil, sunndach, Fonnmhor, gun bhi trom air ùrlar, Seang-chorp fallan, gun bhi dùmhail, Cho math ’s gu ’n tig gùnn bho ’n cheannach. Hùgaibh, etc. [TD 195] ’S iomadh sruthan mear mu d’ ghuaillean, Lachannaich, dà thaobh Choir-uanain, Griogaraich nan lann bho ’n Ruadh-shruth, D’ am bu dual an ruaig a leanailt. Hùgaibh, etc. Meur is fòghlumt’ air cur gréis thu, Beul is binne, ’s grinne leughas, ’S tu mar smeòrach anns a’ chéitein ’Gabhail bheus air gheugan barraich. Hùgaibh, etc. Moire ’s i mo ghaol an rìbhinn! Cas is deise ’théid roimh’n ruidhle. Mala chaol mar it’ an fhior-eoin, Deud geal ìbhri, dionach, daingean. Hùgaibh, etc. So mo litir ’s giùlan bhuam i Chum na rìbhinn thug mi luaigh dhi, ’S innis dhi nach toir mi fuath dhi, Gus an dean an uaigh mo sgarradh. Hùgaibh, etc. ’S iomadh latha chaidh mi ’n cheàrdaich, ’S mi ’n dùil gu ’n deanainn do thàladh, ’S bho ’n thug d’ athair aghaidh-nàir’ dhomh, Bidh mi ’fàgail agad beannachd. Hùgaibh, etc. MOLADH NAN LAOCH GAIDHEALACH. LE CAILEIN CAIMBEUL. SEISD:— Ho gur coma leam a’ bhrigis, Gur-a liobasda fo m’ shàil i; ’S mòr a b’ anns’ an t-éile cuaiche Dhol a shealg feadh chruach a’s àrd-bheann. [TD 196] Tha mi ’cuimhneachadh gach sòlais, Far an robh mi òg air m’ àrach; Gheobhteadh isg a’s eunlaith fhiadhaich ’S a bhi sealg nam fiadh feadh àrd-bheann, Ho gur coma, etc. Sud an t-àite ’s an robh ’n t-éibhneas— Tha gach luibh ni feum a’ fàs ann: Biolair uaine ’n uisg’ an fhuarain ’Bheireadh do gach sluagh an slàinte. Ho gur coma, etc. Ceòl bu bhinne leam bhi ’g éisdeachd, ’N àm éirigh gréin air sgéith nan àrd-bheann; Bhiodh an coileach-dubh a’ dùrdail, Cubhag a’s “gu-gùg” ’s gach àit’ aic’. Ho gur coma, etc. Chluinnteadh langanaich an fhéidh ann, ’S chiteadh treud diubh anns gach fàsaich; ’S bhiodh an crodh a’ ruith gu buaile, ’S dol air uairean thun na h-àiridh. Ho gur coma, etc. Far an lìonmhor gillean òga, Ged chaidh mòran diubh thar sàile: ’S bu chùis eagail do gach riogh’chd iad, H-uile linn diubh mar a dh’fhàs iad. Ho gur coma, etc. Bha iad uile làn de chruadal, Mar chuala sibh mu Dhonachadh ’n Aighe; A’s Ian Ruadh (gu’n robh gach buaidh leis!) Bha’n a cheannard sluaigh do’n bhan-righ. Ho gur coma, etc. [TD 197] Ach na’m faighinn-se an t-òran Chur an òrdugh ann an Gàidhlig, Dheanainn moladh air na h-uaislean, Bha cho suairce ris na Gàidheil. Ho gur coma, etc. Bho nach d’fhuair mi orra eòlas, Cha ’n urrainn mi gu leòir a ràdhtuinn, Air neo dh’innsinn dhuibh am buadhan, ’S an stoc uasal ás an d’ fhàs iad. Ho gur coma, etc. Mo mhìle beannachd-sa gach uair dhaibh, ’S guidheam gur-a buan dhoibh slàinte; Bidh sinn uile an deagh rùn daibh— ’Sona ’n dùthaich anns an d’ fhàs iad. Ho gur coma, etc. Tha gach duine làn de shòlas, Mu chruinneachadh mòr na Gàidheal; Tilgeil cloiche, ’s car de chabar, ’S òrd ’n a dheannaibh le neart gàirdein. Ho gur coma, etc. ’S ’n uair chluinneadh iadsan sgal na pìoba, Bhiodh iad ìnntinneach mar b’ àbhaist; Gu’m bu mhath a ruith na réis iad, ’S leumadh iad mar fhéidh nan àrd-bheann. Ho gur coma, etc. Sud na gillean a bha treubhach— ’S mòr an éifeachd anns na blàraibh, ’N aghaidh na lasrach a’s na luaidhe, Gu ro chruaidh gu bualadh stàilinn. Ho gur coma, etc. [TD 198] Sir Cailean féin, an ceannard uasal— ’S e Morair Chluaidh a chaint’ an dràst ris— ’S mòr an t-urram e do ’n rìoghachd, ’S is toilinntinn e d’a chàirdean. Ho gur coma, etc. ’S ann le misnich a’s deadh-sheòltachd, A thàirneadh ann an òrdugh blàir iad; ’S mur gabh an nàmhaid an ratreuda, Gu’n laidh gach creubhag dhiubh ’s an àraich. Ho gur coma, etc. Cha robh ’n leithid riamh ’s an rioghachd; Bheireadh iad gu sìth gach ceàrna: Aig an Alma, ’s a’ Chriméa, Gun di-chuimhn’ ’bhi air Balaclàbha. Ho gur coma, etc. ’N uair bha tàirneanach nan canan ’Cur mactalla ás gach àite, Bha Sir Cailean, agus buaidh leis, ’Brosnachadh a suas nan Gàidheal. Ho gur coma, etc. Nis nam biodh iad uile dìleas Anns gach ni mar bha na Gàidheil, Bhiodh Sebastopol air strìochdadh, ’S Russia fo chìs do’n bhan-righ. Ho gur coma, etc. Fhuair iad urram anns na h-Innsean Nach bi air di-chuimhn’ do na Gàidheil: ’S e Righ nan dùl a ghabh dhiubh cùram— Gach moladh a’s gach cliù bhi dhasan! Ho gur coma, etc. [TD 199] A NIGHEAN DONN AN T-SUGRAIDH. SEISD:— A nighean donn an t-sùgraidh, ’S mo chaileag laghach, shunndach— A nighean donn an t-sùgraidh, Gu ’n siùbhlainse air m’ aineol leat. Gur ann oidhch’ Fheill-Brighde A bhruadair mi os iosal; ’S ’n uair thionndaidh gu briodal, Cha d’ fhuair mi fhìn ach faileas diot. A nighean donn, etc. A’ chiad Di-luain d’ an ràidhe, Ghabh mi mòran gràidh ort; Gu ’m fagainnse mo chàirdean, ’S air sàile rachainn thairis leat. A nighean donn, etc. Tha d’ fhalt a sios mu d’ ghuaillibh, Air dhath an òir, ’n a dhualaibh; Is math ’thig sioda luachmhor, Mu ghuaillibh grinn na h-ainnire. A nighean donn, etc. Do ghruaidhean mar na ròsan, Do bràghad mar an neòinean; Thug mi gaol ’s mi òg dhuit, ’S cha bhi mi beò mur faigh mi thu. A nighean donn, etc. Do phòg air bhlas nam figis, Do dheud cho geal ’s an ibhri; Is lionmhor fear tha ’n tì ort, ’S gu dìlinn nach fhaigh iad thu. A nighean donn, etc. [TD 200] Cha ’n e meud do stòrais A chuir mi fhìn an tòir ort; Thug mi gaol ’s mi òg dhuit, ’N uair bha mi gòrach, amaideach. A nighean donn, etc. Ged bu leam de stòras, Na bheil ’s an Fhraing ’s an Olaind, Gu’m b’ fhearr leam bhi riut pòsda Na òr an Righ ged fhaighinn e. A nighean donn, etc. Is mise tha fo éislein, Gach latha ’s mi ag éirigh, A’ cuimhneachadh air m’ eucag, A’s Mac-a-gheill a’ laidhe leath’. A nighean donn, etc. MAOL-RUAINIDH GHLINNEACHAIN. Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh Ghlinneachain, Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh! Dh’ fhalbh do mhàthair ’s thug i ’m fireach oirr’, Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! Dh’ fhalbh do mhàthair ’s thug i ’m fireach oirr’, Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! Dh’ fhàg i ’n gleann ’s na féidh a’ fuireach ann. Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! Dh’ fhàg i ’n gleann, etc.—Hà, ho-ró, etc. Cìochan geal’ a’s bainne ’sileadh leo, Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! Cìochan geal,’ etc.—Hà, ho-ró, etc. ’S na ma tig an t-aon là thilleas i, Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! [TD 201] ’S na ma tig, etc.—Hà, ho-ró, etc. Thug i ’m balg ’s an robh do chuid mine leath’, Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! Thug i ’m balg, etc.—Hà, ho-ró, etc. Thug i chuach ’s an robh do chuid ime leath’. Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! Thug i chuach, etc.—Hà, ho-ró, etc. Thug i chearc a bh’ air an iris leath’, Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! Thug i ’chearc, etc.—Hà, ho-ró, etc. ’S ciod e, ghaoil, a bhiodh tu ’sireadh orm— Hà, ho-ro, Maol-Ruainidh! Ciod e, ghaoil, etc.—Hà, ho-ro, etc., ’S nach ’eil ìm, no ciath, no min agam? Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! ’S nach ’eil im, etc.—Hà, ho-ró, etc. Gheobh thu bainne na bà druimfhinn bhuam, Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! Gheobh thu bainne, etc.—Hà, ho-ró, etc. Gheobh thu ciath, a’s iasg, a’s sithionn bhuam; Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! Gheobh thu ciath, etc.—Hà ho-ró, etc. Gheobh thu glùn, a’s mùirn, a’s mire bhuam, Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! Gheobh thu glùn, etc.—Hà, ho-ró, etc. ’S tiugainn leam do’n t-Sìthein urad ur, Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! ’S tiugainn leam, etc.—Hà, ho-ró, etc. Hà, ho-ró, Maol-Ruainidh Ghlinneachain, Ha, ho-ró, Maol-Ruainidh! FAILTE DHUIT A’S SLAINTE LEAT. SEISD— Fàilte dhuit, a’s slàinte leat! ’S i ’n fhàilte chuirinn ás do dhéigh— Fàilte dhuit a’s slàinte leat. [TD 202] Fhleasgaich òig a dh’ fhàg an dùthaich, ’S e mo dhùrachd dhuit gu dian, Turus taitneach ’s ruigheachd sàbhailt, Dh’ ionnsaidh ’n àit an d’ rinn thu triall. Fàilte dhuit, etc. Bho’n a dh’ fhàg thu càirdean gaolach, Tha gach aon fo àmhghar geur; Tha gach sean a’s òg fo mhì-ghean, A’s gach nìonag ’sileadh dheur. Fàilte dhuit, etc. Cha ’n fhaicear nis do choin ri mireadh, Chaoidh cha mheasg iad anns an ruaig. Iad a’ donnalaich gu tùrsach, ’S fàth an iondrainn air a’ chuan. Fàilte dhuit, etc. ’N uair a ghlacadh tu do ghunna, ’S lodhainn fhuilteach ás do dhéigh, B’ fhearail, iollagach do shìnteag, ’Dol na frìth air sealg an fhéidh. Fàilte dhuit, etc. ’S tric ’s a’ mhadainn leis a’ pheileir, Leag thu ’n eilid air an tom; ’N coileach dubh air slios na mòintich, Agus ròn air bhàrr nan tonn. Fàilte dhuit, etc. ’S tu bha aoidheil ’measg nan gaisgeach, Oigear gasda nam fear fial; Cridhe mòr an com an uasail— Ort bu shuarach a bhi crion. Fàilte dhuit, etc. [TD 203] ’S iomadh té a tha glé mhòdhar, A’s an t-òr aice ’n a mhill, Leis am b’ fheàrr aic’ thu r’ a guallainn, Na aon uachdran anns an tìr. Fàilte dhuit, etc. Ged bhithinn-sa am athair òighe, ’S pailteas stòrais agam dhi, B’ fheàrr leam falamh thu mar chliamhuinn Na fear spiocach ged bu rìgh Fàilte dhuit, etc. ’S beag an t-ioghnadh thu bhi uaibhreach, Agus uasal anns gach àit’, Stiùbhardach de dh-fhuil nan rìghrean, ’Lean na mìltean anns gach càs. Fàilte dhuit, etc. ’S gur Mac-Rath thu á Ceann-t-sàile, ’S tu o d’ mhàthair math ’s gach linn, Ri Mac-Coinnich ’chum an oighreachd, Dh’ aindeoin saighdearan an rìgh. Fàilte dhuit, etc. ’S glan a fhreagras sud do d’ phearsa, Féileadh preasach ’s e gun chearb, Paidhir phiostal ’ taghadh biodaig, Air bhac-easguid nach ’eil meanbh. Fàilte dhuit, etc. Aodann aoidheil làn do chàirdeas, Beul a’ mhànrain gun bhi fiar; A’s làmh dheas air cùl a’ bhotuil, ’Lionadh copan bras ’n a triall. Fàilte dhuit, etc. [TD 204] Nàile ghuidhinn dhuit gun bhrosgul, Slàinte, sonas, agus miadh, ’S cuibhl’ an fhortainn bhi ’dol timchioll, Ceart mar fhreagreas i do d’ mhiann. Fàilte dhuit, etc. A’s thu philleadh do ar ’n ionnsaidh, Làn a dh’iunntais fo do chòir; Saoghal fada gus a mhealtuinn, ’S fois nam beannachd dhuit fa-dheòidh! Fàilte dhuit, etc. LUINNEAG, LE MAIRI NIC EALAIR, AIR DHI DEOCH DE DHROCH UISGE ’FHAOTAINN. SEISD.— O hi-rì, ho raill ó, Raill ó, ho raill ó; O hi-ri, ho raill ó, Mo chridhe trom, ’s cha neònach! ’S e ’chuir mis’ a dheanamh duain, ’Mheud ’s a chuireadh orm de ghruaim, Leis an deoch de dh-uisge ruadh A fhuair mi an Hanòbhar. O hi-rì, etc. ’S ainneamh ’chaochail sruth os cionn A’ chlabair a bha ann an grunnd Na h-aibhne a bha ruith gun sunnd, Le bùrn nach tugadh solas. O hi-rì, etc. [TD 205] Coma leam an t-uisge glas, Coma leam a dhreach ’s a bhlas; ’S mòr gu ’m b’ fhearr na feadain bhras A thig bho chas nam mor-bheann! O hi-rì, etc. Cha robh fionnarachd ann riabh Mar bha ’n sruthanan nan sliabh, ’Chuireadh fallaineachd an cliabh Gach iotmhor a ni ol asd’. O hi-rì, etc. ’S i mo run-sa tir nam beann— Abhainn fhior-uisg, anns gach gleann; Torman binn aig mile allt, ’S iad mar bhean-bainns’ an ordugh! O hi-rì, etc. Comhdach min-fheoir air gach bruaich, Laist’ le ròsan ’s bòidhche snuadh; ’S gur h-ioc-shlainteach a sruthain fhuar, Nach cruadhaich a’ ghaoth-reoite. O hi-rì, etc. A thir an fhior-uisg’, thir mo chrìdh, ’S beag an t-ioghnadh ged a bhiodh An ròs ’s an lili a’ cur strìth An gruaidhean mine d’ òigridh! O hi-rì, etc. ’S neartmhor d’ osag leam, ’s is ùr, Ag eirigh luchdaichte le tùis, ’N uair tha ghrian ag ol an drùchd Bho d’ thrusgan flùrach, bòidheach. O hi-rì, etc. [TD 206] Cha b’ ioghnadh Deorsa ’bhi an diomb Ris an òg d’ an d’ thug thu rùn; Bu tu ’n neamhnaid ann a chrùn, A’s cha b’ i dùthaich ’òige. O hi-rì, etc. ’S ged tha mis’ an so air chuairt, Tha’n Gleann-Comhann eutrom luath; ’S ’n uair a theid a siùil a suas, ’S ann tuath a ni seoladh. O hi-rì, etc. ’S ’n uair ruigeas mise tir an àigh, Tir mo dhàimh, a’s luchd mo gràidh, Nàile, theid mi fhein gun dàil, A dh-ol mo shàth á Lòchaidh! O hi-rì, etc. AN T-SOBHRACH MHUILEACH. LE DUGHALL MACPHAIL. Fàilte an Ughdair do Shòbhraichean a fhuair e á Eilean Mhuile, air dha am planntachadh ri taobh lilidhean, ’n a ghàradh ann am Baile Dhunéideann, anns a mhios Mhairt, 1870. AIR FONN:—“Birlinn bhan a Chùbair.” SEISD— A lilidh, reul nam flùran, Ged fhuair thu urram, ’S taitniche gu mòr leam An t-sòbhrach Mhuileach. [TD 207] A lilidh chaoin-gheal, uasal, Na biodh eud no gruaim ort; Ged nach tu mo luaidh Cha ’n ’eil mi suarach umad. A lilidh, etc. Tha thu ùigheil, luach’or, Aig islean a’s aig uaislean; Bidh na bàird ri luaidh ort Anns gach duan a’s luinneag. A lilidh, etc. Tlachd a’s miann mo shùl thu, ’Measg nam blàth ’s nam flùran; ’S coma leam gach ùmpaidh Nach biodh mùirneach umad. A lilidh, etc. Ach fhuair mi deideag làmh riut, Anns gach buaidh bheir bàrr ort— Sòbhrach bhanail, mhàld’ ’Chaidh àrach ’s an Leth’r-Mhuilich. A lilidh, etc. Mo shobhrach gheal-bhuidh’, thlàth, D’ an dùthchas a’ choill’ fhàsail; Bha do bhreth a’s d’ fhàs Am bràighe Creag-an-Iubhair. A lilidh, etc. Cha b’ e blàths a’ ghuail A thug dhuit càil a’s tuar, Ach feartan grian nam buadh, A’s anail fhuar Chaol-Muile. A lilidh, etc. [TD 208] Feadh nan raointean lom ud, Far nach cinn na foth’nain, Gheobhteadh dlòthaibh trom dhiubh Air gach tom a’s tulaich. A lilidh, etc. ’S coidheas deas no tuath leat; ’Measg nan càrn ’s nam bruachag, Cinnidh tu gu guamach, Fallain, snuaghor, lurach. A lilidh, etc. Ged a thig ort dùiseal Ann an àm na dubhlachd, Cha tig bàs fo ’n ùir ort, Ged robh ’n fhionntainn guineach. A lilidh, etc. Dh’ aindeoin cruas a’ gheamhraidh, ’S fuachd an fhaoiltich chrainntidh, Bidh do thrusgan bainns’ ort M’ an tig àm na cuthaig. A lilidh, etc. An tìr na toit’ ’s nan dù-Ghall, Fad o thìr do dhùthchais, Tog do cheann gu sunndach ’S cuir air chùl am mulad. A lilidh, etc. [TD 209] ORAN-MOLAIDH DO NIGHINN UASAIL ARAID. LE GILLEASBUIG CAIMBEUL, AN CEANN-LOCH-EIREANN. Feasgar Luain ’s mi muigh air chuairt, ’S a’ ghleannan uaine, neòineanach, ’S mi bhi ’m shìneadh air an luachair, Bhruadair mi ’s bu neònach leam, An rìbhinn uasal, is mò buaidhean, A bhi cluaneis còmhladh rium, ’S ’n uair a mhosgail mi o’n tùirneal Bha mi tùirseach, brònach dheth. O cha robh ann ach faileas faoin, Cha robh mo ghaol-sa còmhladh rium; ’N uair shaoil mi i bhi dlùth do làimh, O b’ fhad’ a thàmh o m’ chòmhradh i— An rìbhinn ùr, do’n d’ thùg mi ’n ùidh, Dh’ fhàg brùite, tinn, fo m’ chòta mi; ’S mur faigh mi còir oirre le cinnt, ’S i chìll is àite-còmhnuidh dhomh. Gu cinnteach càirear mi ’s an uaigh, Ri luaths mur dean thu tròcair orm; ’S mi ’n ceangal aig do ghràdh cho buan, ’S nach dualach dhomh bhi sòlasach; Oir ged a shiubhlainn deas a’s tuath, Mu ’n cuairt air an Roinn-Eòrpa so, Cha’n ’eil bean eugais ann do m’ luaidh, Am beus, an uaisl’, ’s an spòrsalachd. Cha’n ’eil bean eugais ann do m’ ghràdh, No te bheir bàrr am boidhchead ort; Bho chrùn do chinn gu sàil do bhuinn, Ro chumte, grinn, gun lòdalachd; [TD 210] Cha’n ’eil cron cumaidh ort r’ a luaidh, ’S gu bheil do bhuaidhean còrdadh rium; ’S bidh sàr dhaoin’-uaisl’ ag òl á cuachaibh, Slàinte bhuan an còmhnuidh dhuit. Bidh sàr dhaoin’-uaisle, treubhach, tapaidh, Spéiseil, gasda, mòr-chuiseach, Ri luaidh gun bheud air beul nam beus, ’S a’ cur an céill a dòigheanan; ’S iomad òigear fearail, fìnealt’, ’S pailteas nì a’s stòrais dhaibh, A chunntadh suarach iad gu léir, Air ghaol bhi réidh am pòsadh riut. O ’s ann air ceann nan iomadh dual, A dh’ fhàs a’ ghruag is dòmhaile; Gu pleatach, cuachach, dreachar, snuadh-dhubh, Lùbach, dualach, feòirleineach; ’S an sìod’ thig o na h-Innsean Shuas, Air uachdar, cumail còmhdaich air; A’s pàirt dheth crochadh sios gu d’ ghuailnean, ’S òr do chluas ga chòmhlachadh. O ’s lìonar buaidh, a tha riut fuaighte, Nach gabh luaidh no fòghlum dhomh; ’S tu ’n fhìor fhuil uasail nach robh suarach— Dhuit bu dual o d’ sheòrsa sin; Na sruthain mheara, ghlana, uaibhreach, Díreadh suas ad phòraibh-sa; O ’s glan an ìr’ o’n deach do bhuaineadh, Cha robh snuadh an fhòlaich oirr’. Dà mhala chaoil, mar it’ an eòin, Air gnùis, is bòidhche fàilteachadh; Dà shùil mar dhearcagan an fhraoich Ad aodann, a’s fiamh-ghàir orra; [TD 211] Tha deud geal, snaidhte, mar a’ chailc, Am beul na mais a’ tàmhachadh; Do bhilean tana, dearg’ mar ròs, ’S do phòg mar ùbhlan gàraidh leam. Cha’n ann mar chraoibh an coill gun sgoinn, A dh’ fhàs an loinn bhean àluinn so; No mar lus am fàsach faoin, A bhiodh feadh fraoich nan àrd-bheannan; Ach slat de ’n abhal a bha daor, Ri ’n d’ fhuairear saoth’r a’ ghàradair; ’S i ùrar, dìreach, dosrach, caomh, ’S a h-ùbhlan maoth a’ fàs oirre. Do sheang chorp sàr-gheal, fallain, nuadh, Mar eala ’chuain an spòrsalachd; No mar fhaoilinn thig o’n tràigh, Gu’n toir thu bàrr am boidhchead orr’; No mar éideig ghil nan càrn, ’N uair tharladh tu air mòintich orr’; No mar chanach an cois càir; No sneachda bàn air mòr-bheannan. Do chalpa geal-ghlan, cuimte, garbh’, Air dealbh a’ bhradain shàile; ’S an troidh, gun chearb, is foirmeil’ falbh, Nach dochunn calg nan àileanan, Am bròig phiollaich, dhuibh, o’n bhùth, Théid ginidh ’s crùn a phàigheadh oirr’; An àm do dh-fhidhill chur air sunnd, Bu ghrinn air ùrlar-clàraidh thu. ’S ge h-éibhinn leibh a dheàlras grian, Air sliabh ri madainn cheòbhanaich, Cha ghabh i samhlachadh ri m’ chiall-s’, Cha’n’eil i trian am bòidhchead dhi; [TD 212] ’S tu reult-iùil os cionn nan nial, Tha miaghail aig gach seòladair, A’deàlradh anns an àird-an-iar, ’S iad ’g earbsa trian de’n eòlas riut. A’s ged a chuir mi cuibhrionn sìos, A réir mo mhiann, an òrdugh dhuit, Cha chuirinn crìoch, a chaoidh, le rian, Ach gann, air trian de d’ dhòigheanan; Ach fhir a dh’ imicheas mu ’n cuairt, Na ceil mo dhuan, ach fòghlum e, Do’n mhaighdinn chunnaic mi Dì-luain, Anns a’ ghleann uaine, neòineanach. AN T-OIGEAR UALLACH. LE SEUMAS MUNRO. AIR FONN:—“An Gille guanach.” SEISD.— ’S e ’n t-òigear uallach a sheòl thar chuan uainn Rinn m’ fhàgail truagh dheth, ’s a luaisg mo chrìdh’. A fhleasgaich uasail an leadain dualaich, Tha mi fo ghruaim o’n a dh’ fhàg thu ’n tìr. Ged thig an Samhradh le ’thrusgan greannar A’ sgeadach ghleann agus bheann le ’lìth, Cha tog e fonn air mo chridhe trom-sa; Tha ’n saoghal lom leam ’s mo shonn am dhìth. ’S e ’n t-òigear uallach, &c. Cha b’ionnan m’ àbhaist an uair bu ghnàth leam Bhi ’n glaic mo ghràdhaich air sgàth na frìth; An duilleach uaine ’n a sgàil mu’n cuairt duinn, ’S a thrusgan snuaghar mu bhruaich a’ ghlìnn. ’S e ’n t-òigear uallach, &c. [TD 213] An coireal ceòlar air feadh nan cròc-mheur, ’S an t-eas, gu bòidheach, a’ dòrtadh stìll; An crodh air àilean, ’s an teas ga’n sàrach, ’S na laoigh le h-àilleas ri h-àbhachd dhuinn. ’S e ’n t-òigear uallach, &c. An t-òigear dualach, ’s a cheann an cluain rium. A’ gabhail dhuanag á ’chuanal bìnn; Treis eil’ air brìodal, gu milis, mìogach, ’S mo chneas dluth-fìllte ’n a mhìn-ghlaic ghrìnn. ’S e ’n t-òigear uallach, &c. An sin b’ e m’ àilleas a’ choill’ ’s na blàithean, ’S bhi tathaich fàsaich a’s sgàil na frìth, Le m’ òigear àluinn, do ’n d’ thug mi ’n gràdh sin A dhùisg dhomh cràdh o’n a dh’ fhàg e’n tìr. ’S e ’n t-òigear uallach, &c. An t-òigear àillidh a sheòl air sàile Gu fonn Astràili an àraich mhìn; Gu’n leag e sàrach air m’ uchd-sa ’n dràsta, A chuir an càs mi o’n dh’fhàg e’n tìr. ’S e ’n t-òigear uallach, &c. MARBH-RANN DO THEARLACH STIUBHARD, FEAR BHAILE-CHAOLAIS, A CHAOCHAIL ’S A’ BHLIADHNA, 1855. Le Donnachadh Mac-Aonghais. AIR FONN. “Mort Ghlinne Comhann.” ’S gur mise tha tùrsach, Tha mo chridhe fo leann-dubh ’s fo bhròn, Bho ’n a thàinig as ùr oirnn Sgeula cràidh dh’ fhàg fo chùram na slòigh; [TD 214] Deadh fhear Bhaile-Chaolais, Ris an deanamaid faoilte gu leoir, A bhi an cadal nach dùisg e, Am baile Pheairt ann an dùthchas a sheors’. ’S e do bhàs bhi ga éisdeachd Aig do mhuinntir mar sgeula le bròn, A thromaich mo chreuchdan, ’S a rinn mo chridhe-sa reubadh am fheòil; Bho ’n a dhealaich thu féin ruinn, Fhir a b’ urrainn ar réiteach ’s gach dòigh, ’S a dheanadh ar riaghladh, ’S nach biodh trom oirnn le fiachan ad dheoin. Cha leur dhuinn gainneamh an tobair Gus an tràigh e mu choinnimh ar sùl, No fasgadh na coille, Gus an téid sinn air aghaidh an luim, No taic’ an fhir uasail, A sheasadh ’s an fhuaradh ri’r cùl, Gus ’n do chuir sinn ’s an uaigh thu— Och mo chreach! mo sgeul cruadail an tùrn! ’S iomadh bantrach dheurach Anns an dùthaich fo éislean gu leòir, Mu chul-taice nam feumach A bhi na ’laidhe gun éirigh fo ’n fhòd; Bu tu clach-oisinn na stéidhe Nach fhaiceadh an eucoir ’s a’ mhòd, ’S iomadh dìlleachdan tréigte A rinn thu àrach gu ceutach mu d’ bhòrd. ’S bu cheann-iuil thu do’n òigridh, ’G an tarruing o ghòraich gu stéidh; ’S cha robh thu trom air am pòca Le ùnlagh an tòir am mi-chéill; [TD 215] ’N uair a dh’innseadh tu ’n càsan, ’S a leughadh tu’m failinn gu léir, B’i do chomhairle làidir, Gun tighinn tuile ad lathair ’s a’ cheum. Bu leat urram nan uaislean Anns gach ceàrna mu’n cuairt duinn gu léir; Bu leat ùrnaigh nan truaghan, ’S tu nach druideadh do chluas riu na’m feum, Le d’ aigne ghloin, shuairce, ’S an robh iochd agus truas a’ comh-streup, Nach fhaiceadh acras na fuachd orr’— ’S tric a ghiulain thu’n uallach leat féin Bu mhór do bhàigh ri d’ luchd-dùthcha Ann an comunn na cùirt aig a’ mhòd, ’S tric a choisinn e diumb’ dhuit, A’ tagradh làidir an cùisean le còir; Chi iad nise le ’n sùilean Gu ’n d’ atharraich an cùrsa gu mòr, Nach bi sochair nan dù-ghall Ach seirc sheachrain gun dùrachd na ’tòir. Do chliu tha dhomhsa do-innseadh Am measg mhaithean na tìre gu léir; Bha thu ’d cheann anns gach sìth dhaibh, ’G an stiùradh le firinn ’s gach céum: A’ deanamh soilleir d’an inntinn Gach cuis a bhiodh diomhair dhoibh fein— Gu faicinn arain aig dìobaraich A bhiodh air udal, ’s d’an dìleab an déirc’. Thruis do mhuinntir ri chéile Dheanadh coinnimh riut féin mach o’n ghleann; Ged bu ghoirt leo an reuson Thu bhi fo chìs aig an eug anns an àm, [TD 216] A’ tighinn air charbad each cruidheach, Le brat dubh’chais a’s cumh’ air gach sreing, Gu Cill-Iain mo rùin-sa Far an d’ fhàg sinn ’s an ùir thu gu ’r call. Far an d’ fhàg sinn do luaithre Aig Eaglais Easbuigeach bhuadhar nan ceud, Da ’n d’ thug na h-Abstoil làn ùghdaras, Na riaghailt, ’s na h-urnaighean mar stéidh; Mar ri sochairean slàinte ’S an do chreid thu gu làidir gu léir, ’S a bheil sinn an dòchas le tròcair Gu bheil d’ anams’ aig sòlas na ’dhéigh. ’S goirt leam càramh do chéile, ’S bean na h-aonar ad dhéigh i gach là, Bho ’n chaill i iuchair a’ ghliocais A dh’ fhosgladh sùilean an tuigse do chàch— A chuireadh ceart iad le reusan Anns gach gnothach a b’ èiginnich càs’ Nis o’n chuir sinn do’n chill thu C’àit’ am faigh sinn ’s an linn so ni d’ àit? Ach tha mo dhòchas ’s an Ard-righ, ’S e mo dhùrachd gach là e ’s gach uair, Gu’n seas Dùghall ad àite, Ann an dùthchas ’s am bláths mar bu dual; A’ toirt toil-inntinn d’ a chàirdean, Le urram, deagh nàdur, a’s buaidh; ’S gum b’ e an Tì sin is àirde A bheir dha saoghal a’s slàinte bhios buan! [TD 217] CHLUINN MI NA H-EOIN. [The author of this Song was the late John Campbell, Farmer, Torosay, Isle of Mull. Captain Campbell of Achnacroish, the subject of it, was the last of an ancient family, “the Campbells of Braeglen;” the occasion was his return with the Scots Greys from Ireland; Campbell composed a number of excellent Songs, none of which were hitherto published with the exeption of “A Mhorag mur dean thu tighinn.”] Chluinn mi na h-eòin, ’s binn leam na h-eòin, Na h-eòin, na h-eòin bhòidheach, bhinne. Chluinn mi na h-eòin, ’s binn leam na h-eòin. ’S binn leam fhèin na bha mi ’g éisdeachd, Madainn chéitein ’s spréidh a’ sileadh. Chluinn mi, &c. ’S binn leam na smeòrach air bharr géige, ’S uiseagan ’s an speur ri iomart. Chluinn mi, &c. ’S binn leam coileach dubh ri dùrdail, ’S cearc an tùchain dlùth ga shireadh. Chluinn mi, &c. ’S binn leam gog nan coileach-ruadha ’S moiche ghluaiseas ’s a’ bhruaich fhirich. Chluinn mi, &c. ’S binn leam cuthag le ’gùg-gùg, ’S a’ mhaduinn chiùin air stùc a’ ghlinne. Chluinn mi, &c. ’S binn leam guth na h-eala buadhaich— Luinneag is glan fuaim air linne. Chluinn mi, &c. ’S binne na iad sud gu léir An naidheachd éibhinn a fhuair sinne— Chluinn mi, &c. [TD 218] Na Scots Greys air tigh’nn á Eirinn, Sàbhailte gun bheud, gun mhilleadh. Chluinn mi, &c. An Captain Caimbeul le ’chomannda, De na bh’ ann ’s e b’ annsa leinne. Chluinn mi, &c. O na’n greasadh Righ na gréin’ thu Gu d’ thir féin gu ’m b’ éibhinn leinn’ e! Chluinn mi, &c. Gu tigh mòr nan tuireid àrda, ’S e ’dol fàs gun àird’ air inneal. Chluinn mi, &c. An tigh a thog dhuit Flath na féille; ’S ioma sùil ’bha deurach uime. Chluinn mi, &c. Sliochd Iain bhig ’ic-Iain-’ic-Dhòmhnuill, G’ an robh còirichean Bhràigh-Ghlinne. Chluinn mi, &c. FAILTE DO ’N EILEAN SGIATHANACH. LE NIALL MAC-LEOID. O, failt air do stùcan, Do choireachan ùdlaidh, Do bheanntainnean sùghor Far an siubhladh am meann! Tha ’n geamhradh le ’dhùbhlachd Mu na meallaibh a’ dùnadh, ’S gach doire le ’bhùirean, Air a rusgadh gu bonn. [TD 219] Chi mi Cuchuilinn Mar leoghann gun tioma, Le ’fhiasag d’ an t-sneachd Air a pasgadh m’ a cheann; ’S a ghruaidhean a’ srùladh Le easanan smùideach ’Tha ’tuiteam na ’n lùban Gu urlar nan gleann. Do chreagan gu h-uaibhreach, Mar challaid m’ an cuairt dhuit, ’S na neòil òir an iomairt, A’ filleadh mu ’m bàrr; ’S am bonn air a sguabadh Le srùlaichean gruamach, Bho bharcadh a’ chuain A’ toirt nuallain air traigh. O, c’ àit ’eil na gaisgich A dh’ àraich do ghlacan, ’Bu shuilbheara macnus Mu stacan a’ cheo— Le fùdar ’g a sgailceadh Bho ’n cuilbheirean glana, ’S am miolchoin ’n an deannaibh, Nach fannaich ’s an tòir; Na laoich nach robh meata Ri aodann na batailt, Nach aomadh gu taise Ri caismeachd an nàmh? Cha ’n ’eil raon agus machair Air na sgaoil iad am bratach, Nach d’ fhàg iad an eachdraidh Gun mhasladh do ’n àl. [TD 220] Ach tha ’m fàrdaichean sguabte, ’S an seomraichean uaine— Iad fein a’s an gaisgeadh ’N an cadal fo ’n fhòid; ’S tha osag nam fuar-bheann, Le ’h-osnaidhean gruamach, Ga ’n caoidh mu na cruachan, ’S a’ luaidh air an glòir. O, c’ àit ’eil gach sòlas ’Bha agam am òige— ’Toirt meal’ as na ròsan Mu d’ chòsagan tlàth? Tha companaich m’ eòlais Air am fuadach o ’n còmhnuidh, Tha mhil air a deothal ’S tha ’n ròsan gun bhlàth. Ach ’s caomh leam do ghleanntan, Do shrathan ’s do bheanntan, ’S an ceò tha na chadal Air baideal nan àrd’, Na ciabhagan torach, Na srònagan corrach, ’S na sruthain ri coireal Do ’n eilid ’s d’ a h-àl! Gu ma buan a bhios d’ eachdraidh, Agus cliu aig do mhacaibh, Gus an crìonar an talamh, ’S am paisgear na neoil! Fhad ’s ’bhios sioban na mara A’ bualadh air caraig, Bidh mo dhurachd gun deireas Do dh-Eilean a’ Cheo! [TD 221] CUMHA IONAR-GHAIRIDH. LE SEUMAS MUNRO. AIR FONN:—“Muile nam mòr-bheann.” Mi ’g amharc mu’n cuairt air bruachaibh Ghairidh, Tha m’ aigne fo ghruaim gun luaidh air aighear, A’s Tùr nan clach uaine fuar gun chaithreim, Ge b’aobhach fathrumach, uair, e! Air Tùr nan clach uaine, uair, cha b’aineolach Gliongar nan cuach aig cuanal barraicht’ De rogha nan uaislean, cuairt fo cheanal An stuaigh a’ Ghleannaich bu shuairce. Bhiodh inneal nan nual a b’ fhuaim-mhor callan A’ taomadh na cuairte dual ’s an talla; A’s filidh nan duan ’cur suas na h-ealaidh A’ luaidh air sean-nos nan cruaidh-bheum. Bhiodh mnathan nan dualag cuachach, mar-ris A’ cheannard a b’ uaisle tuar a’s canachd: De ’n bha ’s an Taobh-tuath b’ e luaidh nam pannal, Air suairceas, Alasdair Uaibhreach. Ach, ’s cadal gun suain (mo nuar!) do cheannard A choisinn a’ bhuaidh “air chuan ’s air thalamh;”*— ’S o’n chaidh e ’s an uaigh mheath snuagh a thighe, ’S tha gruaim ’g a thathaich gu duaichnidh! Tha coille nan geug bu cheutaich’ meangan Gu dubhach, fo speur nan neul nach geanail; A’s Casain nan steud gun ghleus, gun teanal, Aig feur fo cheannas ’s aig luachair! * “Per MARE per TERRAS.” [TD 222] Air gàradh nan ròs ’s nan òighean geala Tha aogasg a’ bhròin gu mòr air laidhe, Bho ’n ghluaiseadh na ròis bu bhòi’che sealladh, Sliochd òg an tighe, o’n dualchas. Tha Cianalas trom gun fhonn ’s an talla; Tha Sàmhchair mu’n Tom† a b’ fhonnar ath-ghuth ’N uair shiùbhladh an Sonn le dhonn-eich mheara ’N a charbad dealain air chuairt uainn. Tha filidh nan duan gun luaidh air gaisge Bho’n chuireadh s’an tuam ceann-sluaigh nan caisteal— Chaidh ceòl nan dòs dualach suas a thasgaidh, ’S an sròl a phasgadh fo ghruaman. ’S e mheudaich mo bhròn—an t-òigear allail, An Sàr, Aonghas Og, an Cnòideart thall-ud, Bhi ’g imeachd o shlògh, ’s o nòs, car tamuill, ’S o chòir a Sheanar, thar chuaintean. AN GAIDHEAL AN TIR CHEIN A’ MOLADH TIR A DHUTHCHAIS. LE IAIN CAIMBEUL, ’S AN LEIDEIG. AIR FONN:—“Guidheam slainte do’n ribhinn mhalda.” Is tric mi cuimhneach air tìr mo dhùthchais, Air tìr nam beanntan ’s nan gleanntan ùrar; Air tìr nan sgàrnaichean àrda, ruisgte, Nan creagan corrach, ’s ’nan lochan dùghorm. † Tom Iain ’ic Dhùghaill. [TD 223] Air sruthain chaisleach nan caran lùbach, Ri mire ’s gleadhraich feadh bhac a’s stùchdan; No ’ruith gu sàmhach ’s a’ ghleannan chiùin ud, ’S an doire challtuinn gu teann ’g an dùnadh. An eidheann dhualach mar sgàil-bhrat uaine, ’S a’ gheamhradh ’s fuaire fo shnuadh a’ fàs, ’S i ’dion le ’sgiathan nan àrd-chreag liath ud, Mar gu’ m b’e h-iarrtas an cumail blàth. An tonn ri crònan air cladach còmhnard, Le morbhan bòidheach ’toirt ceòl gu réidh; No ’g éirigh suas dhuinn le toirm an uamhais, ’S an cath na chuartaig ’g a sguab’ do’n speur. Sud tìr a’ chàirdeis ’s an d’ fhuair mi m’ àrach, ’S a bheil a’ Ghàidhlig is àillidh fonn, ’S i thogadh m’ inntinn ’n uair bhithinn tursach, ’S a dh’ fhàgadh sunndach mo chridhe trom, Is tric a thionndaidh mi air mo chùlaobh, ’N uair chluinnin dlùth i air sràid nan Gall; Mo chridhe dh’ éireadh mar aiteal gréine, ’Thoirt sùil am dhèigh a dh’ fheuch cò bhiodh ann. Is ged a shealladh na Goill a’ sios oirnn. ’N uair bhiodhmaid dìreach o thir nam beann; Fuidh ’n chairt is suaraiche ’s tric a fhuaras, Am fiodh is luachmhoir’ am measg nan crann. ’S i sud an dùthaich a thog na fiùrain, Bha gaisgeil, cliùiteach, bha iùlmhor, treun, A sheasadh láidir a dhìon gach càs leinn, ’S gu bràth nach d’ fhàilnich an là an fheum. [TD 224] Tha ’n gaisgeadh ainmeil is tric a dhearbht’ e, Air tìr ’s air fairge, an cath ’s an strith; B’ iad luchd an fhéilidh gu bràth nach géilleadh. Fhad ’s ruitheadh deur de fhuil réidh na ’n crìdh’. ’S i ’n fhìor fhuil uasal o thìr nan fuar-bheann A bhiodh ’s a’ ghruagaich d’ an tugainn spéis; Té bhruidhneadh blàth rium ’s a’ chànain àluinn Bu ro mhath thàthadh ar gràdh r’ a chéil’. ’S a chaoidh cha chaochail an tlus tha ’m thaobhsa Do m’ thìr ’s do m’ dhaoine a b’ aobhach leam; ’S cha leig air dìchnimhn’ gach comhairl’ phrìseil, Thug teachdair dìleas na firinn dhuinn. A’s ged a ruiginn-sa cùl nan Innsean, ’S gach eilean rìomhach ’s na tìrean thall: Is ann am dhùthaich a ghuidhinn m’ ùir bhi ’N uair bhiodh mo shùilean ga ’n dùnadh teann. ’S mo chead ’s an uair so do thìr nam buagh ud, ’S mo bheannachd buan leis an t-sluagh tha ann, ’S an cliù a fhuair sinn o linn ar sinnsir, Gu ceann ar crìche nach dealaich ruinn. ORAN. LE DÒMHNULL MACMHATHAIN, DO BHEAN MINISTEIR, A BHA ANN CEANN MU DHEAS CHINNTIRE, DO ’M B’ AINM MAIRIAN NIC-MHARCUIS. Do bheatha nuas o’n tìr-so shuas, A bhean is stuama còmhradh, Ma’s fìor an fhuaim a tha am chluasaibh, ’S iomadh buaidh ort còmhla’; [TD 225] Tha cùl do ghruaige bachlach, dualach, Air a chur suas an ordugh, Gu bachlach, réidh, air fiamh nan teud, Gu maiseach ceutach, òrbhuidh’, D’aghaidh dhàicheil ann an sgàthan A ni an sgàile bhòidheach; Do rosg gun smùr fo d’mhala chiùin, A’ còmhdach do shùil mhòdhair; Gu gorm, dreachail, mar na dearcan, Mar dhrùchd faich’ air feòirnein; ’S ge b’e dh’innseadh uile d’ àilleachd, Cha b’e am bàrd gun fhòghlum. An uair a shuidheas na mnài uaisle, ’S iad ri fuaigheal còmhladh, ’S ann air do ghnìomh nach biòdh an spìd, A’ cur an t-sìod’ an òrdugh; Do ghreim rìomhach, daingean, dìonach, Cothrom, cinnteach, còmhnard, Gu h-ùiseil, glan, gun smùr, gun smal, Aig flùr nam ban an òrdugh. Meòir is grinn’ thu air an sgrìobhadh, A chur sios na còrach, ’S a thairngeadh sgrìob, le innleachd cinn, Ann ’s nach do chinn a’ ghòraich; A bheir sgeul fìor dhuinn as a Bhìobull. Anns am bheil brìgh gach còmhraidh; ’S cha bhiodh mo chluasan sgith do’n fhuaim, Bho mhoch Di-luain gu Dòmhnach. Tha do ghruaidhean mar an caorann An gàradh craobh nan ròsan; Fàileadh nan sùbh-craobh de d’anail, Blas meala air do phògan; [TD 226] Chiteadh dealradh an fhion Spàintich Sios roimh d’ bhràghad rò-gheal; Tha do bhian mar shneachd ’s an t-sliabh, Ga chur gu dian, air mòintich. Tha do shlios mar eala chaoil, No mar fhaoileam mòr-chuain, Do sheang-chorp fallain, gnètheil, banail, Cneas mar chanach mòintich; Muineal geal d’an tig an rìomhadh, M’an iadh an sìod’ ’s an t-òmar; Do bhrìodal ciùin ’s do smèideadh sùl A mhealladh rùn gach òigfhir. Do dheud shnaighte mar na dìsean, Cothrom, cinnteach, còmhnard; Am beul gun bheud, nach tugadh beum, ’S nach labhradh breug no gòraich. Ma’s a fior mo bharail fein ort, Le ro bheagan eòlais, ’S tom gach tulach do dh-aon duin’ thu Fhuair uait cuireadh pòsaidh. ’N uair a théid thu air an ùrlar, An cunntas nam ban òga, Do chas lùthar, ’s do cheum siùbhlach, Troidh nach lùb am feòirnein, Modhail, mùinte, mar bu dùchas, Ciall, a’s cliù, a’s fòghlum; Aig iomairt chas le mais’ a pearsa, ’S iomadh fear bha ’n tòir ort. Is cinneadh do mhàthar uile Curaidhean do chlann Dònuill; Laidir, duineil, creuchdach, fuilteach, ’S furachail mar leòghainn: [TD 227] Airidh-mhuilinn, ceann na cuideachd, ’S b’ urramach an cònspull, A sheasadh dìleas, gus a’ chrìoch, Air cùl an rìgh ’s na còrach. ’S mi tha toilicht’ dheth an tràs, Thu bhi ’n Cnoc-Bàn a chòmhnuidh; Baile prìseil, nan seud rìomhach, ’S gach toilintinn fheòlmhor; Posd’ air Ministeir na sgìreachd, Aig am bheil brìgh gach còmhraidh, Tha fuaim a chainnt mar chloich le glean, A’ teagasg ceann gach sgeòil duinn. Ach a nis, mo bheannachd buan dhuit Bho’n is bean uasal òg thu; Cuimhnich d’ uaisle ’s bi gu stuama, Mar bu dual do d’ sheòrsa: Tha thu a shiol na ’n sruthan uasal, ’S b’i sin smuais Chlann-Dònuill Saoghal réidh dhuit féin, ’s do d’ chéile, ’S rinn mi féin dhuit òran. ORAN. LE DONNACHADH MAC-NA-CEARDADH. AIR FONN:—“Mort Ghlinne-Comhunn.” Rìgh gur mis’ tha fo chràdh dheth! Leam is bliadhna gach là bho Dhiluain, Sgeul mo shùgraidh ’s mo mhànrain, Lìon mulad gun àireamh mi ’s gruaim; [TD 228] ’S mi mar uan gun a mhàthair, ’N déigh sionnach nan càrn ’bhi ga ruag’— ’S cha ’n fhaod mi ìnnseadh mar tha mi, Eagal nàmhaid fo sgàil bhi ga luaidh. Bha mi ’n dé aig an làraich, ’S mi siubhal na fàsaich leam fein, ’S mi faicinn an àite Far am b’ àbhaist do m’ ghràdh bhi ri spréidh; Na ’m biodh Beinn-Làbhair aig làraich, ’S Loch Tagha an àrdan nan stùc; Gheibhinn sealladh fo’n bhràighe Do ’n ionad ’s an d’ fhàg mi mo rùn. Ged a dheanteadh am Dhiùc mi Na idir ged chrùinte mi ’m rìgh, ’S ged gheibhinn còir air gach cùmhnant Bha dligheach bho thùs iad a bhi; Bhi ás d’ aonais, a’ ghaoil, B’e sud smùirnean am shùil-se a’ chaoidh, ’S mur dean thu ’n ath-ghearr a lùbadh, Chi thu féin gur sgeul ùr e bhios fior. Ach ’s lionmhor trioblaid a thàinig Ri linn a pheacaidh thug Adhamh oirnn o thùs, Riamh fhathast ’o ’n tràth sin, Cha ’n ’eil latha gun ànradh ás ùr; A bhean a fhuair iad ’s a ghàradh, Dh’ fhag i ’gineal na’n tràillean ’s gach cùis. ’S thug i cumhachd a’ bhàis orra— O! creideadh do Shàtan nach b’ fhiù! ’S mairg a dheanadh bonn-tàir Air aon neach de shìol Adhamh ann an ni, ’S gun annainn uile ach bràthairean, Ged bha uabhreachd nàdurra leinn; [TD 229] Cha robh ach buachaile ’n Daibhidh, ’S fhuair i nighean do Shaul bha na rìgh, ’S gabhaibh eiseimpleir bho Iàcob, A rinn seirbhis do Làban car tìm. Do bheulan tana is àilidh Na ròs riamh a rinn fàs ann an lios; ’S tha d’ anail ni’s cùbhraidh Na mhil a’s e drùgh’dh o na sgip. ’S e do shlios a bhi dlùth rium, ’S a bhi faodainn do dhiùrrais gun fhios, A dh’ fhàgadh m’ aigne-se sunndach ’S cha bhiodh m’ osnaidh ga ’n cunntas cho tric. ’S e chuir do chàirdean an gruaim rium, Iad bhi smaointeach gu’n d’ fhuair mi do spéis, ’S mi na ’n sùilean cho suarach, Bho nach cunntadh air buaile mo spréidh; Ach do ghaol-sa tha fuaighte, Gu daingeann an uachdar mo chléibh, ’S a chaoidh nach dean fhuasgladh, Gus an latha, no’n uair thig an t-eug. ’S ann tha mise ’s an uair so, Mar shionnach nam fuar-bheann fo phràmh, ’S mo smuainnteann gu truagh dhomh, Ciamar ghlacas mi ’n t-uan air a’ chàrn; Ma tha ’m fortan cho cruaidh dhomh, ’S gun cuir a’ chuibhil mu’n cuairt an car ceàrr, Bidh gach sealgair dhomh buailteach, Gus an cuir iad air ruaig mi do’n chàrn. Ach cinnidh iasg air gach aonach, ’S bidh na caoileanan uile air tràgh’dh, ’S biodh sneachd dubh anns gach caol-ghleann, ’S bidh na fithich mar fhaoileagan bàn; [TD 230] Air na leacan bidh maorach, ’S coille no fraoch cha bhi fàs,— Mu ’n tig crioch air mo ghaol dhuit— Chuir sud saighead am thaobh-sa an sàs. Bidh mi nis a co-dhùnadh, Ann an dòchas gun ùraich mo cheum, Ged bha mi tamull ro chrùbach ’N dùil gu ’m buidhinninn-se ùine ’s an réis; Do ghaol annad-sa ’mhùth ’S do ghealladh ás ùr dhomh gu ’m bìth, ’S gus an cuir iad ’s an ùr mi, Cha tagh mi te ùr ás do dhéigh. MO NIGHEAN DUBH. SEISD.— Mo nighean dubh, tha bòidheach dubh, Mo nighean dubh, na tréig mi: Ged theireadh cach gu bheil thu dubh, Cha geal’s an gruth leam fhein thu! Moch là Coinnle anns a’ mhadainn, ’M leaba ’s mi gun éirigh, Gu ’m facas òigh an taice rium, ’S a gnùis ro dhreachmhor, ceutach. Mo nighean dubh, &c. Tòisichidh mi aig do chasan, Chum do mhaise ’leughadh;— Didòmnuich a’ dol an chlachan, Bean do dhreach cha léir dhomh. Mo nighean dubh, &c. [TD 231] Thig stocaidh gheal air rogha dealbha Air do chalpa gle-gheal; Brògan barra-chumh’nn, ’s bucaill airgid— Oigh air dhealbh na gréin’ thu! Mo nighean dubh, &c. Seang chorp fallain, mar shneachd meallain, No mar chanach sléibhte; Mar fhaoileag chladaich, ri là gaillin, Air chuan mara ’g éirigh. Mo nighean dubh, &c. ’S math thig gùn ’s an fhasan duit, Cho math ’s a tha ’n Duneideann, Mu d’ mheadhon caol ’g a theannachadh, ’S a’ chamhanaich ’s tu ’g éirigh. Mo nighean dubh, &c. Do shùilean mar na dearcagan, Do ghruaidh air dhath na céire, Cùl do chinn air dhreach an fhithich, ’S gradh mo chridhe fhéin ort. Mo nighean dubh, &c. Sùil chorrach ghorm fo d’ chaol mhala Bho ’n tig an sealladh éibhinn, Mar dhealt camhanaich ’s an Earrach, ’S mar dhruchd meala Chéitein. Mo nighean dubh, &c. Tha falt dubh, dualach, trom, neo-luaidhte, ’N ceangal sguaib air m’ euchdaig; Gur bòidheach e mu d’chluasaibh, ’S cha mheas’ an cuailein bréid e Mo nighean dubh, &c. [TD 232] Cha dean mi tuilleadh molaidh ort— O, ’s tu mo rogha céile! ’S ann ort a tha ’n cùl fàinneagach, Mar sud ’s am bràighe glé-gheal. Mo nighean dubh, &c. ’S olc a rinn do chàirdean orm ’S gu’n d’ rinn iad pàirt ort fèin d’ e, ’N uair chuir iad ás an dùthaich mi, ’S mi ’n dùil gu ’n deanainn feum duit. Mo nighean dubh, &c. ’S ged nach deanainn fidhleireachd, Gu ’n deanainn sgrìobhadh ’s leughadh, ’S a nàile! dheanainn searmoin duit Nach talaicheadh neach fo ’n ghréin oirr’. Mo nighean dubh, &c. ORAN DO’N OLLA IAIN MACLACHUINN, NACH MAIREANN. LE DONNACHADH MAC A’ PHERSAIN. AIR FONN:—“Mort Ghlinne-Comhunn.” Fhuair mi naigheachd do bhàis; ’S ioma h-aon a bhios cràiteach g’a luaidh; Sàr cheann-feadhna nan Gàidheal ’N diugh bhi g’a chàradh ’s an uaigh. Bu tu lighich na slàinte, ’Dheanadh cobhair air càch a bhiodh truagh; Och mo sgaradh, ’s mo chràdh-lot, Gun d’rinn thu ar fàgail cho luath. [TD 233] ’N uair a thàinig a’ chrìoch ort ’S ioma h-aon a bha cianail gu leòir, ’S mòr mulad do chàirdean, Ged is beag tha ’s an àite dhiubh beò. Bha na mnathan ri saothair, ’S iad gun fhurtachd no faochadh g’an leòn, Bualadh bhasan, ’s a’ caoineadh, ’S chuir an tuireadh ud gaoir ann am fheòil. ’S ann air Ceadh’ Thobar-mhoire A bha ’m bròn aig luchd comunn do ghaoil; Bha na bochdan gu h-àraid, Ag osnaich ’s an làimh air an taoibh. Chruinnich maithibh an &ite Le onair ’cur àird’ air an aog, ’S ghléidh iad sùil air a’ bhàta, Gus an deachaidh i sàbhailt troimh’n chaol. ’S ann ’s a’ Chnochd chaidh do chàradh, Anns an ùir a bha nàdur do sheòrs’, Taobh a’ chaoil ’s am bi ’chàllach, ’S na luingis fo làn an cuid seòl. Tha thu ’d chliù ’dh’ Earraghàidheal, ’S do ’n dùthaich a dh’ àraich thu òg, ’S fad ’s a bhruidhneas sinn Gàidhlig, Cumar cuimhn’ air do bhàrdachd, le ceòl. ’S ann ’s a’ Mhorairne Ghleannaich, Fhuair thu d’ àrach a d’ leanabh ’s tu òg, ’S ioma latha glé uallach Thug thu chòmhnuidh ’n Rath-thuaithe nam bò, Bha thu eòlach mu ’n Fhamhair; ’S tric a chaidh thu g’ a choimhead do ’n Tòr, ’S fearail ’shnàmhadh tu ’n caolas Ged bhiodh gaillionn an fhaoilltich ri d’ shròin. [TD 234] ’S ioma té a thug gaol dhuit, ’S cha b’ ann mìodalach, faoin a bha ’n gràdh, Rinn thu ’n cridheachan aomadh, ’S iad air mhire gu d’ fhaotainn air làimh, Sgaoil na lasraichean gaoil ud, Mar fhaluisg ri fraoch nam beann àrd. O’n ’s ann dìomhain bha ’n saothair. Chunnt iad aighear an t-saoghail na chràdh. ’N àm suidhe ’s tigh-thàirne, ’N uair ’chruinnicheadh na Gàidheil mu ’n bhòrd, ’Cur mu ’n cuairt na deoch-slàinte, ’S tu dheanadh a pàigheadh, ’s a h-òl; ’Sunndach sheinneadh tu ’n duanag, Le botal a’s cuach ann ad dhòrn, ’N uair bhiodh bodaich do dhùthcha, ’S an cridhe g’a mhùthchadh le bròn. ’S na ’n robh géire gu m’ dhùrachd, ’S gu ’m bu léir dhomh gach cùis mar bù chòir, ’S mis’ a mholadh gu d’ chùl thu, On a b’ aithne dhomh thu anns gach dòigh— Crùn lurach nam flùran, Tha cliù ort a’ d’ dhùthaich bho d’ òig, Gnùis àillidh an fhiùrain, ’S ioma té leis ’m bu chliùteach do phòg. Ged is dàna dhomh labhairt, Mu dhéighinn mòrachd a’s flaitheas an Rìgh, Tha mi ’n dòchas, le aighear, Nach robh amhuinn Iòrdan dhuit clì, Gu’n do threòraich na fàidhean Gu geata nan gràs thu air tìr, Le deich mìl’ ann an àireamh, ’S iad a’ seinn air a’ ghràdh tha gun chrìoch. [TD 235] ORAN. SEISD.— Fàill ill ó ro, fàill ill ó, Fàill ill ò ro éile, Hi rithill uithill agus ò, ’S na thugaibh hó ro éile. Gur mise tha trom, airtneulach, ’S a’ mhadainn a’s mi ’g éirigh; Tha ghaoth an ear a’ gobachadh ’S cha ’n i mo thogairt fhéin i. Fàill ill, etc. Tha ghaoth an ear a’ gobachadh, ’S cha’n i mo thogairt fhéin i; ’S i ghaoth an iar, a b’ aite leinn, A’s lasan oirre ’g éirigh. Fàill ill, etc. ’S i ghaoth, etc. Gu’n tigeadh oirnn am bàta D’am b’ àbhaist a bhi treubhach. Fàill ill, etc. Gu’n tigeadh, etc. Uachdaran na tìr oirre— Mo dhìth ma dh’ éireas beud da! Fàill ill, etc. Uachdaran na tir’, etc. Uachdaran na dùthch’ innte— Gu bheil mo dhùrachd féin leis. Fàill ill, etc. Uachdaran na dùthch’, etc. Hi rì gu ’m b’ ait leam fallain thu, Ad chaisteal ann an Sléibhte! Fàill ill, etc. [TD 236] Hi rì gu’m b’ ait, etc. Far am bi na fìdhleirean, ’S na pìoban ann ga’n gleusadh. Fàill ill, etc. Far am bi na, etc. A’s far am bi na gillean òg Is bòidhche théid fo ’n éideadh. Fàill ill, etc. A’s far am bi, etc. Far am bi na h-ighneagan, (Bu bhinn leam bhi ga’n éisdeachd.) Fàill ill, etc. Far am bi, etc. Is bòidhche théid air ùrlar An àm a’ chiùil a ghleusadh. Fàill ill, etc. Is bòidhche, etc. Is iomadh òigear furanach, Cruaidh, fulangach le féile. Fàill ill, etc. Is iomadh òigear, etc. A dh’ éireadh leat, a Dhònuill, Na ’n d’ rachadh tòir air Seumas. Fàill ill, etc. A dh’ éireadh, etc. Dh’ éireadh, Mac-Mhic-Alasdair ’S Gleann-garaidh leat le chéile. Fàill ill, etc. Dh’ éireadh, etc. A’s dh’ fhàgainn-sa mo dhùthaich Air chumhnant a bhi réidh riut. Fàill ill, etc. [TD 237] A’s dh’ fhagainn, etc. Bheirinn sgriob a Lunnainn leat Na’m biodh mo thuras réidh dhomh. Fàill ill, etc. Bheirinn sgriob, etc. Ach ’s mise tha gu muladach, Air m’ uilinn a’s mi ’g éirigh. Fàill ill, etc. ORAN. LE IAIN CAIMBEUL, ’S AN LEDEIG. [The subjoined verses were composed on a young Highland officer who served in the Peninsular War. He was one night seized with a presentiment that he was to be killed in the battle that was pending on the morrow. His brother officers tried to laugh him out of it, but in vain. He wrote home to his friends, bidding them farewell, left his affairs in order, and “foremost fighting fell.” The verses are written as if by his sweetheart.] Togaibh a’ bhratach, a chlanna mu shluaigh-se, Togaibh le caithream i, togaibh le buaidh i; Bi dìleab bhur sinnsear an fhìor fhuil gun truilleadh, A chumadh an àird sinn ’s gach càs agus cruadal. Sud an fhuil Ghàidhealach bha ceannsgalach buadhor, Luchd caithidh an fhéile a’s breacana guaile; Cha teicheadh roimh ’nàmhaid ’s cha’n fhaichte ’s an ruaig iad, ’S bu làidire dh’ fhàsadh mar b’ àirde an cruaidh-chas. Togaibh a’ bhratach, etc. ’N uair chìteadh air faich’ iad le ’n deiseachan uaine, A’ siubhal an rathaid ’s a’ phiob a’ toirt fuaim doibh— Ri aodann a’ chatha a’s rughadh na’n gruaidhean— O c’ àit’ bheil an cridhe nach tiomadh san uair ud? Togaibh a’ bhratach, etc. [TD 238] ’S ged seasmhach an spiorad nach pilleadh roimh’n fhuathas, Sùil chorrach na’n aodann nach faodteadh a ghluasad— Co shaoileadh ’s an tràth ud an spàirn ghoirt a fhuaradh, A dealach’ ra’n leannain an gleannan an uaigneis? Togaibh a’ bhratach, etc. Faic iad a nis fior luchd-fine nam fuar-bheann, Dìreadh le braise gun athadh roimh ’n uamhas; Gach gunna ri làmhach an nàmh tighinn a nuas orr’, Ach rinn sinn an ciosnach’ ged mhill iad mo luaidh-se. Togaibh a’ bhratach, etc. Co ’m fear ud a chi mi ’na shineadh gun ghluasad? ’N fhuil chraobhach a diobradh ’s gun aon a ni fuasgladh; Fhalt camagach bòidheach na dhubh-lùban cuachach, A snàmh anns a ghaoith ’s gun aon-ghaoil ann bheir dual as. Togaibh a’ bhratach, etc. Tha ’n claidheamh ’s e sìnnte a nios ri d’ chrios-guaille, ’S e fhathast a d’ ghlaic tha air glasadh ’s air fuaradh; ’S ma rinn thu daibh striochdadh ’s ann dìleas a fhuaradh, ’S triùir naimhdean na’n sìneadh ’n uair spion thu a d’ thruaill e. Togaibh a’ bhratach, etc. Tha ’m breacan bha deas ort air preasadh le ruaidhe, A’s sruthan na fola toirt dath ás an uaine; Tha d’intinn a sìoladh ’s an rìbhinn ad’ smuaintean, A’s manran a beòil a’ toirt ciùil ann ad chluasan. Togaibh a’ bhratach, etc. ’S an oidhche mu’n d’fhàg thu bu chràiteach an smuain ud, Guth an rabhaidh ag ràdh nach robh dàil anns an uair dhuit: Cha b’ioghna, a ghràidh, ged bha thu ga d’ chàradh, A’s tannasg a’ bhàis, ’geurach’ fhàl ga d’ thoirt bhuam-sa. Togaibh a’ bhratach, etc. [TD 239] O ’s truagh mi da-rìreadh bho’n dh’innseadh an tuairsgeul, Mo chrì tha air lionadh ’s mo bhas ga’n sior bhualadh; Tha esan gle ìosal mu’n tric rinn mi bruadar, ’S cha chlaidheamh a mhill e, ach innleachd na luaidhe. Togaibh a’ bhratach, etc. A’s cach ’nuair thig dhachaidh le caithream ’s le luathghair’, Bidh mise gle fhalamh gun charaid ’s an uair ud; A’s ghuidhinn am bàs gun mo làithean thoirt buan dhomh, Na’m faighinn gu bràth bhi ga m’ chàradh ’s an uaigh leat. Togaibh a’ bhratach, etc. DUANAG A’ CHIOBAIR. LE DOMHNULL PHAIL, ANN AN CEANN-A-GHIUSAICH. Gu’m bheil mulad air m’ inntinn Bho’n a thàinig mi ’n tìr so, ’S nach fhaic mi mo nighneag dhonn, òg. ’S nach fhaic mi mo nighneag, &c. Bho nach faic mi mo chaileag Do’n d’thug mi ’n gaol-falaich— ’S ann a dh’fhàg mi i ’n Raineach nam bò, ’S ann a dh’fhàg mi i ’n Raineach, &c. ’S ann a dh’ fhàg mise ’ghruagach An fhuilt cham-lubaich, chuachaich, An taobh thall do Dhruim-Uachdair an fheòir. An taobh thall do Dhruim-Uachdair, &c. Tha deud shnaighte mar dhìsinn, ’Am beul meachair na rìbhinn, ’S gur milse na fioguis a pòg. ’S gur milse na fioguis, &c. [TD 240] Ciochan corrach, ’s iad glé-gheal, Ann am broilleach a léine, Mar aiteal na gréin’ ri là ceò. Mar aiteal na gréin’, &c. Slios mar eala nan cuantan No mar shneachda nam fuar-bheann, Calpa cuimir, ’s troidh uallach am bròig. Calpa cuimir ’s troidh uallach, &c. ’S cha ’n ’eil samhla do m’ luaidh-sa ’Measg na chi mi mu’n cuairt domh Ged chruinn’cheadh na tha shluagh anns an t-Sròin. Ged a chruinn’cheadh, &c. Ged a chruinn’cheadh an dùthaich Gu féill Chinn-a’-ghiùsaich, Cha biodh té ann do ’n dùraiginn pòg. Cha biodh té ann, &c. Cha ’n e sid rinn mo chiùrradh Bho ’n a thàinig mi ’n dùthaich-s’ Ach nach fhaod mi ’dhol null air do thòir. Ach nach fhaod, &c. Mur biodh ach asdar aon oidhche, Eadar mise ’s a’ mhaighdean, ’S tric rachainn ’g a foighneachd le deòin. ’S tric rachainn ’g a foighneachd, &c. Ach tha ’n t-asdar cho fada, ’S nach faod mi dol dachaidh Eagal càch ’bhi ’g am fhaicinn ’san ròd. Eagal cach ’bhi ’g am fhaicinn, &c. ’S an stoc air mo chùram, Bidh mo mhaighstir ’g am ionndrainn, ’S mi ’g an cumail air cùl Bail’-a’-chrò. ’S mi ’g an cumail, &c. [TD 241] ’S mòr gu’m b’ fheàrr ’bhi ga ’m buach’leachd Ri mullach na guaille Far nach iarradh iad buachaill’ ri ’n sròin. Far nach iarradh, &c. Far nach biodh orm bonn cùraim ’Nuair a’ chuirinn mo chù riùth’ Ged a bhithéadh iad dùinte le ceò. Ged a bhitheadh, &c. ’S mi gach latha ’g an cuallach ’S iad cho duilich a bhuach’leachd, ’S mi’g an cumail mu’n cuairt do ’n Chreig-mhòir. ’S mi ’g an cumail mu’n cuairt, &c. Ni mi ’n litir so dhùnadh, ’S a chur ’n a drip ann a’ d’ ionnsaidh, ’S bi’dh tu fiosrach nach mùth mi mo dhòigh. ’S bi’dh tu fiosrach nach mùth, &c. ’S ged a bheir mi seachd bliadhna, A’ siubhal nan crioch so, Te eile cha ’n iarr m i’s tu beò. ORAN LE CALUM CAIMBEUL MACPHAIL. AIR FONN:— An té sin air am bheil mi ’n geall A gruaidh mar chaorann dearg air chrann. Thàinig sgeul o thir nan Gall, A thog aoibhneas feadh nan gleann; Sheinn na h-eòin air bhàrr nan geug, ’S bha mire-leum aig féidh na ’m beann. [TD 242] Mar aiteal gréin’ o àird nan speur, Thàinig an “sgeul-dhealan” le spéid, Ag ràdh gu ’n d’rugadh oighre òg; Iarmad Chailein mhòir a bh’ ann. Thàinig sgeul, &c. Fàillean òg ri craobh nam buadh, A’ chraobh a sheas gach teas a’s fuachd; A’s mar a b’ aosda ’bha i ’fàs, Bu mhò a blàth gu àird nan crann. Thàinig sgeul, &c. B’ i sud a’ chraobh a thrus na meòir, Thar gach craoibh anns an Roinn-Eòrp’; Tha ’h-urram àrd an cùirt nan Righ, ’S fhuair i ’brigh an tir nam beann. Thàinig sgeul, &c. Tha ’n t-oighre òg de shliochd nan Leògh’nn, A sheas Albainn riamh ’s gach còir; Siol Dhiarmaid a’s Righ Raibeart cruaidh. ’Thug iomadh buaidh le cruadh’s an lann. Thàinig sgeul, &c. ’N uair a chuala sinn an sgeul, Las an fhuil ’s a’ h-uile féith, Shuidh na saor-thoilich* gu féisd A’s ’n a dhéigh bha ceòl a’s danns’. Thàinig sgeul, &c. Dh’ òlainn slaint’ a’ cheannaird chòir, Slàint’ a mhic ’s a chéile-phòsd’; ’S ghuidhinn sonas, sòlas buan, Agus buaidh leò anns gach àm. Thàinig sgeul, &c * Volunteers. [TD 243] ORAN Do Sheumas Mac-Gille-Sheathanaich, Bàrd Loch-nan-Eala, ann an éirig an orain a rinn e do’n treas réiseamaid Earraghaidhealach. LE DONNACHADH MAC-IONMHUINN, AN TIRITHE. AIR FONN:—“Ochoin a righ, gur e mi tha muladach.” Gur bòidheach deàrrsach an pàrti Leadhanaich ’N uair théid iad còmhla ’s an Oban Lathurnach, ’N uair bheir an Còirneal iad ann an òrdugh Cha’n’eil fo Dheòrsa n’ as bòidhche ’dh’ amhairceas Mo rùn na fiùrain ’tha lùghor, ealanta, Bu mheasail, cliùteach ’s gach cùis na fearaibh sibh, Le ’r crios, le ’r pùidse, le ’r musg, le ’r fùdar, ’S gach ball cho sgùirte ’s nach fhaighte mearrachd dhiubh. B’ iad sin na saighdearan! ’s aoibheil ’n sealladh th’ orr’, ’S iad tilgeadh soillse mar bhoillsgeadh dealanaich, An àm dol cruinn duibh ’s a’ phàirce ghrinn ud Bhiodh piob a’ seinn duibh g’ ur toirt o ’n bhaile mach. ’N àm dol o’n geàrrd gu ’n toir càch an aire dhuibh, Le ’r brògan àrda gu h-àluinn lainnireach, Gur tric bha òganach duibh le òrdugh An taic a’ Chòirneil ’s bu mhath an airidh e. Gur fada ’m thàmh mi gun dàn a labhairt air A’ chreutair ghrànnda so chuir oirnn aineadas, Rinn e ar càineadh gun aobhar dhasan, Na’m biodh tu làmh rium gu ’n geàrrte ’n teang’ asad. Tha thu, a shiochair’, mar mhial-chu acarach Air feadh na tìreach a dh’ fheuch de thachras riut, Gu ’n d’ innseadh dhomhsa do ghnàths’ bho t-òige; Cha bhiodh an còt’ ach ’n a shròicean lachduinn ort. [TD 244] Ge maith do mhaighstir gur nàir’ r’a aithris air ’Bhi gleidheadh cù air a dhùn cho sgaiteach riut, Gu criomadh chnàmhan ’s gu gearradh shàiltean: B’e sin do ghnàths’ anns gach àit’ an tachradh tu. Gu ’n gléidh e thu, ’s b’e do cheaird o ’n ’s tapaidh thu ’Bhi glanadh thrìnnseirean, ni bu taitneach leat; Do shròn th’ air sgliapadh ag imleach mhiasan; Tha créis mu d’ bhial dhiubh, ’s rinn t-fhiasag malcadh leath’ Gur tric a bha thu la d’ bhalgan craicinn ort, Ri trusadh eòrna agus cleòcan tarsuing ort, Cha ’n fhaicte brògan a’ dion do spògan, B’e gnàths do sheòrsa bhi ’n còmhnuidh cas-ruisgte. A nis o ’n ’s plàigh thu ’s nach bàrd ach aithlis thu, Gu ’n sguir mi’g inns’ ort, ’s cha b’ fhiach dhomh teannad riut, ’N ad mhasladh tha thu do mhuinntir t’ àite, A bhéisd gun nàire le d’ chaineadh ascaoineach. ORAN LE IAIN MAC DHOMHNUILL, ANN AN EILEIN MHUILE AIR FONN:—“O, nach robh sinn mar bha.” O, cha ’n urrainn mi ann, Gu de mar is urrainn mi ann? Cha ’n urrainn mi dìreadh a’ mhullaich Bho ’n dh’ fhàs sinn uile cho fann. Ma thig na Russianaich thairis, Mar tha iad a’ bagairt ’s an àm, Co a thilleas iad dhachaidh? ’S na gaisgich againn’ air chall. [TD 245] ’S iad gu ’n seasadh an làrach, ’S nach bitheadh gun àrach an call, ’S mur strìochdadh na naimhdean dhoibh toileach, Gu ’m bitheadh an collan gun cheann. O, cha ’n urrainn, etc. Na Gàidheil fhuranach, ghleusda, ’S an gunn’ air dheadh ghleusadh ’n an làimh, ’Bheireadh an coileach bhar gheugan, ’S a leagadh mac éilde ’n a dheann; Mar sud a’s luchd-breacan an fhéilidh, Chìte air sléibhte nam beann; Ach ciobairean glasa nan aomul, ’S beag orr’ na daoin’ a bhios ann. O, cha ’n urrainn, etc. A’ mhuinntir a bhiodhmid a’ tathaich, Air lionmhor fathach nan gleann, Tha iad a nis air dol thairis Do rìoghachdan fada bh’ uainn thall; ’S ann oirnn a thàinig an latha, ’Bhi ’g éisdeachd glamartaich Ghall, ’Stiùireadh a’ choin air gach taobh dhiom— Sgoiltidh an glaodhaich mo cheann. O, cha ’n urrainn, etc. Caoraich mhaola á Sasunn A’ tighinn bho mhachair nan Gall, An àite crodh-laoigh agus aighean, Bhiodh againn air sraithean nan gleann, Gruagaichean òg a’ toirt d’ air’ oirre ’M bothan na barraich ’s an àm, A’ leigeil nan gobhar ’s ga ’n cuallach Tiomchioll air bruachan nan allt. O, cha ’n urrainn, etc. [TD 246] Na tighean ’s am faighte an aoidheachd Air àireachan caoine nan gleann, Tha iad a nise gun daoine. Na ’n totaichean maola gun cheann; ’S leac-an-teinntein dh’ fhuaraich i, Còinteach a’s luachair mu ’ceann; Sud far am faighte na gillean Bhiodh math ann an iomairt nan lann. O, cha ’n urrainn, etc. ORAN LE AONGHAS MAC MHUIRICH, A MUILE. AIR FONN:—“Ower the water tae Charlie.” SEISD.— ’S e fàth mo mhulaid gu ’n d’ fhàs mi duilich, Bho ’n dh’ fhàg mi buileach an t-àite, ’S ann fada mo thuath a’n iomall a’ chuain Tha ’n t-eilein ’s an d’ fhuair mi m’ àrach. ’S e mheudaich mo mhulad bhi ’m bliadhna ’s an uraidh Gu cian bho m’ chuideachd air ànradh, ’S ge taitneach le cuid a bhi ’n Glaschu fuireach, ’S e b’ anns’ a bhi ’m Muile nan àrd bheann. ’S e fàth mo mhulaid, etc. Fhir a théid thairis do Mhuile nam beannaibh, Thoir soraidh bhuam dhachaidh gu m’ chàirdean, A’s innis gur maith leam bhi cluinntinn gur maireann Gach duine ’n Loch Leamhainn mar dh’ fhàg mi. ’S e fàth mo mhulaid, etc. [TD 247] Ma gheibh mi mar ’s maith leam thu dùil ’am dol fhathasd A chumail na calluinn mar b’ àbhaist; ’S ged bhios mi air m’ aineol cha leig mi ás m’ aire Gach fasan bh’ aig clanna nan Gàidheal. ’S e fàth mo mhulaid, etc. Ged tha mi ’s an àm so ’n còmhnuidh measg Ghall Tha m’ inntinn an geall air bhi làmh riubh, Bu taitneach mar chéaird leam bhi fiadhach feadh bheann. Seach giùlan na lanndair* ghrànnda. ’S e fàth mo mhulaid, etc. ’N uair bhios mi leam fhéin a mach air an oidhche ’G imeachd air lom nan sràidean, Gur tric bhios mi caoidh bhi ’n dùthaich nan Gall, Le comunn gun suim do m’ chànain. ’S e fàth mo mhulaid, etc. ’N am faighinn mo dhùrachd, phillinn do m’ dhùthaich, ’S cha bhiodh mo dhùil ri fhàgail, ’S cha tug mi cho fad’ ann am baile nan dù-Ghall Mur bitheadh ’s an ùir mo chàirdean. ’S e fàth mo mhulaid, etc. Marbhphasg air na daoine ’chuidich an sgaoileadh, ’Mheudaich ’s a dhaor na màil oirnn, Ach guidheam do phàirt dhiubh mu ’m fàg iad an saoghal, Gu ’m faigh iad na ’n saothair pàigheadh. ’S e fàth mo mhulaid, etc. Rinn pearceall chaorach, fearann a dhaoradh, ’S dh’ innis dhuinn daoine ’n fhàistneachd— Gu ’n cuireadh iad gaisgich nan gleannaibh air faointraidh, ’S dùthaich nan laoch ’n a fàsach. ’S e fàth mo mhulaid, etc. * Policeman’s Lantern [TD 248] Cha ’n ioghnadh mi idir bhi sileadh nan deur, ’N àm cuimhneachadh gniomh gach bàillidh, Mur chuir iad fo chaoraich gach aonach a’s sliabh, ’S na daoine chuir cian thar sàile. ’S e fàth mo mhulaid, etc. Na ’n éireadh dhuinn cogadh a thigh’n air an tìr, Co ’sheasadh an rioghachd bho ’n nàmhaid? Ach creididh na Sasunnaich fhathasd gur fior, Gur mòr ga ’n dith na Gàidheil. ’S e fàth mo mhulaid, etc. Gur h-iomadh fear treun bha ro-mhath ’s an streup ’S a chuireadh retreut air nàmhaid, Tha ’n diugh an America leagadh nan geug, A’s caoraich a’s féidh na àite. ’S e fàth mo mhulaid, etc. Tha fearann ar gaoil fo fhroinneach ’s fo fhraoch, ’S gach machair a’s raon gun àiteach, S cha ’n fhad’ a ’bhios duin’ ann am “Muile nan craobh,” Ach Goill agus caoraich bhàna. ’S e fàth mo mhulaid, etc. Tha crioch air mo dhuan mu ’n gabh sibh rium gruaim, Bho ’n ’s eallainn gun bhuaidh a bhàrdachd; Ach fhad’ s’ bhios mi maireann cha toir mi dhi fuath, Oir cumaidh i suas a Ghàidhlig. ’S e fàth mo mhulaid, etc. [TD 249] ORAN MULAID, LE EANRAIG MACILLEBHAIN. [The chorus here given belongs to an old song the remainder of which cannot now be recovered. The following verses, composed in keeping with the spirit of the chorus, have been written chiefly with a view to perpetuating and popularizing the simple, but beautiful melody to which the chorus is wedded.] SEISD.— Hù o, tha mi tinn, Tha mi caoidh mo leannain, ’S mór a thug mi ’ghaol Do ’n té ’s caoile maladh, Hù o, tha mi tinn! Thar gach té fo ’n ghréin, Thug mi spéis do m’ chailin, Nis’ o ’n fhuair i bàs,— ’Chaoidh cha ’n fhàs mi fallain. Hù o, tha mi tinn! Bha thu màlda, còir, Suairceil, òrdail, banail; Nàdur fialaidh ciùin, Oiteag chùbhraidh d’anail, Hù o, tha mi tinn! Ort-sa bha gach buaidh, Bha thu uasal, dreachar; B’ àluinn thigeadh ceòl A’ d’ bheul bòidheach, meachair. Hù o, tha mi tinn! Anns a’ chòisir bhinn, ’N àm ’bhi seinn nan luinneag; Thug thu bàrr gu léir, Air na ceudaibh cruinneag. Hù o, tha mi tinn! [TD 250] ’S tric bha mi ’s mo ghràdh, Ann an sgàil na coille, Thogadh ise ceòl,— ’S dh-éisdeadh eòin na doire. Hù o, bha mi tinn! Chuir iad thu ’s an ùir, Socair, ciùin, a’d’ laidhe; ’S mis’ cha ’n fhaic mo rùn, Gus an dùisg mi ’m flaitheas. Hù o, tha mi tinn! Bhithinn-se le m’ luaidh, Taobh nam bruach ’s nan gleannan; Tha i nis ’s an uaigh,— O, cha ghluais mo leannan! Hù o, tha mi tinn! Dhòmh-sa bha mo rùn Mar reult-iùil mo bheatha, Thug mi dhi mo ghràdh, ’S dh’ fhalbh mo shlàinte leatha. Hù o, tha mi tinn! ’S goirid bhios mi beò, ’S mi ri bròn a’s mulad; Rinn do bhàs mo leòn, ’S fóghnaidh dhòmh-s’ am buill’ ud! Hù o, tha mi tinn! D’àite-sa ’n am chrìdh’, Nì cha lìon air thalamh; Ann an tìr an àigh, Dhòmh-s’ cum àite falamh. Hù o, tha mi tinn! Dh’ fhalbh mo leannan féin, ’S tha mi deurach, dubhach, Tha mi ’triall na ’ceum, Ciod am feum ’bhi ’fuireach? Hù o, tha mi tinn! [TD 251] O GUR BRONACH M’ ANAM FO SPROCHD. LE SEUMAS MUNRO. FONN—“Dheanainn sùgradh ris an nigh’n duibh.” SEISD:— O gur brònach m’ anam fo sprochd, Bho’n a dh’fhògradh uam mo leannan! O gur brònach m’ aigne gun chlos! Tha mo chridhe trom, fo éislean, ’S cian an t-éibhneas orm air aineol, O gur brònach, etc. Bho’n a chaidh mo rùn uam fhuadach, Chaidh mo shuaimhneas orm am mearachd. O gur brònach, etc. ’N uair a dh’éireas mi gur cràiteach Mi fo phràmh a’ caoidh mo leannain. O gur brònach, etc. ’N uair a ghabhas mi gu tàmh Cha chlos is gnàth leam ach a’ chairis. O gur brònach, etc. Rìgh, cha b’ ionann m’ fhonn ’n uair b’ àbhaist Dhomh bhi mànran ris an ainnir. O gur brònach, etc. ’S i an cluain gu daingean dlùth rium Air fraoch ùr nan cùirnean meala. O gur brònach, etc. Ach tha gruaim a’ bhròin air sgaoileadh Bho’n a thréig mo ghaol am fearann. O gur brònach, etc. Och ’s e ’m bròn is céile dhòmh-sa Bho’n a chaill mi ’n òg-bhean cheanail. O gur brònach, etc. [TD 252] MAIRI BHAN DHAIL-AN-EAS. ’S mithich dhòmhsa tòiseachadh, ’Us m’ òran ’chur an céill; Gur fhada bho ’n bu chòir dha ’Bhi ann an òrdugh réidh: Tha m’ inntinn-sa cho luaineach Ri gaoith tuath air bhàrr nan geug, Ma ’s è ’s gu’m pòs a’ ghruagach ’Tha shuas ann an Gleann-Eit’. Gur bòidheach leam a dh’fhàs thu Bho d’ bhàrr gu sàil do bhuinn; Cha’n ’eil cron ri àireamh ort, ’S tu bean an nàdur ghrinn, Nar mhealamsa mo shlàinte Mur b’ fheàrr leam na bhi ’m rìgh, Cead bhi ’laidhe làimh riut, ’S mo làmh fo d’ mhuineal mìn. Gur lìonmhor mais ri ’h-aithris Air an ainnir a’s math snuagh; Do shlios geal mar an caineal, No mar eala nan tonn uain’; Shiubhail mi bho ’n Apuinn, A mach gu Uisge Chluaidh, ’S bean d’ aogais anns an astar sin, Cha’n fhaca mis’, a luaidh. Tha falt bachlach, bòidheach ort, Air dhath an òir na ’dhuail, Gur fiamhach, sgiamhach, òrbhuidh’ e ’An òrdugh ann an cuaich. [TD 253] Bha m’ inntinn-sa làn sòlais, ’N uair bha mi ’chòmhnuidh shuas, ’S a nise bho’n a dh’fhàg mi e Cha’n ’eil mo thàmh ach truagh. Their iad gu’m bu ghòrach mi, Mo ghaol cho mòr thoirt dhuit, Gu’n robh mi ’cìnntinn gòrach, ’N uair ’bu chòir dhomh a bhi glic; Ach ’éisdidh mi ri ’m bòilich ’S a chaoidh ri m’ bheò cha chreid Gu’m faigh fear eile còir ort, No gu’m pòs thu gun mo chead. Tha nìonagan an àite so, Ri tàir orm gu mòr, Gu’n d’thuirt iad rium am bachelor Gu’m beil mi sean gu leòir, Ach cha b’ i ’n aois a liath Mo chiabhagan cho mòr, Ach sìoban nan tonn dùbh-ghorm, A’ tigh’nn bho chùl nan seòl. B’e sid an obair ànradhach, Dh’ an d’thug mi gràdh ’s mi òg, Fad na h-oidhche Geamhraidh, A’riofadh teann nan seòl; Bheirinn greis ga ’stiùireadh, ’S an sneachd air cùl mo dhòrn ’Toirt gliocais as a’ chombaist Gu’m b’ e sid pong an t-seòid. Gur lìonmhor anns an àite so, Mo naimhdean bho chionn greis, A chionn gu’n d’ thug mi gràdh Do ’n nìgh’n bhàin ’tha ’n Dail-an-eas. [TD 254] Tha fleasgaich anns an àite so, ’S gu ’m b’ fheàrr leo gu’n robh mis’ ’An iomall domhain fad air falbh, Gun earbsa ri tigh’nn as. Ged a bhithinn fad air falbh, Bhiodh m’ earbsa ri tigh’nn as, A shealltainn air mo ghràdh, An nigh’n bhàn a’s àillidh dreach; Cha’n ’eil e anns an àl so, No ’s an àl a thig am dhéigh, Bean do mhais’, a Mhàiri, ’S tu ’s àille tha fo ’n ghréin. ’S ìseal a thuit m’ inntinn-sa, ’S cha dìrich i ri m’ bheò; A chaoidh cha dean mi ìnnseadh An nì sin ’tha ga m’ leòn; ’S gus an téid mo thìodhlaiceadh, ’An cistidh dhìonaich bhòrd, Cha tréig mi gaol na h-ìghneige, Dh’ fhàg m’ inntinn trom fo léon ORAN D’A NIGHINN, LE DOMHNULL MAC-RUAIRAIDH. AIR A’ CHEATHRAMH LATHA DEUG DE ’N MHAIRT, 1871. Gur e mise tha fo mhì-ghean ’S mi-leam fhéin air a’ chnoc, Cha ’n ’eil m’ aigne rium sìobhalt’— Gu ’m bheil m’ inntinn fo sprochd, Gun mo chuideachadh làmh rium, Sgeula ’chràidh mi gu goirt: Ach ma rinn thu nis m’ fhàgail, ’S mòr an gràdh ’bh’agam ort. [TD 255] Bha mi ’n raoir aig an teine Na mo chaithris ’n déigh chàich, Gus an robh mi a’ smaointean Gu’n ’ghabh daoine mu thàmh, An dùil gu’n cluinnin do bhruidhinn, A’ tighinn mar b’ àill; ’S nuair a ghabh mi ’n sin fadachd, Chaidh mi ’n leabaidh fo pràmh. O cha d’ fhuair mi ’n raoir cadal, Cha robh m’ aigne na ’tàmh, ’S mi ri ionndrainn na gruagaich Dh’ fhalbh Diluain gu math tràth; Gu ’m bi snidh air mo chluasaig Iomadh uair air do sgàth; ’S bochd an naigheachd gu ’n ghluais thu Do ’n Cheann Uachdrach a thàmh. ’S iomadh crois ’th’ anns an t-saoghal ’S mise a dh’ fhaodadh a ràdh, Fhuair mi buillean bha ciùrrta, ’S tric mo sgiùrsadh le bàs; ’N uair a thug thu do chùl rium Shil mo shùilean gu làr, Cha ’n ’eil stàth dhomh bhi ’g innseadh Gu ’m bheil m’ inntinn fo phràmh. O cha sheinn mi ’chaoidh òran, Thuit mo shòlas gu làr, Dh’ fhalbh mo shùgradh ’s mo dhòchas, ’S thàinig bròn nis na’n àit; Tha mo chridhe gu sgaoileadh, Tha mi ’smaointean, le cràdh; ’S tha mo chadal ro luaineach, Ort a’ smuaintean gach tràth. [TD 256] ’S ann ort fhéin tha ’n cùl dualach Mar bu dual dhuit a’ fàs; ’S goirt an naigheachd r’a luaidh leam Gur e ghluais thu am bàs; Dh’ fhàg sid snidhe air mo ghruaidhibh Na h-uil’ uair gheibh mi fàth; ’S mar a caochail mo smuaintean Gur i ’n uaigh mo lag-tàimh. O’n a dh’ fhàgadh thu ’d aonar Thug mi gaol dhuit thar chàich, Och a rìgh! ’s beag a shaoil mi Gu’n tigeadh caochladh cho tràth; Ach mo bheannachd gu buan leat A dh-ionnsuidh uarach do bhàis; Agus Ard-Righ nam buadhan A bhi mu ’n cuairt ort mar gheàrd. Ged tha d’ athair car dripeil Mar a bhrist air le bàs, Cha ’n e idir a ghluais thu, Och, mo thruaighe! cho tràth, Ach do mhuime bhi ’n gruaim riut, Mar a chualas aig càch; Gu ’m bheil sid riutha fuaighte Nuas o dhualchas a’ fàs. Bha do mhuime ro ghòrach ’Dol ga d’ fhògairt cho tràth, Le cuid smuaintibh ro neònach, Mar tha ’n stoiri ag ràdh, Tha do pheathraichean òg leam Gus mo chòmhnadh na ’thràth; So an t-Earrach a ghual mi; Och, mo thruaighe mar tha! [TD 257] So an t-earrach a chiùr mi Dh’ fhàg mi tùirseach a ghnàth, ’N uair a thug thu do chùl rium Thuig mi ’ruin, mar a bha, O cha ’n fhaic mi ’n Fhéill-Pheadair ’S an t-seadh so gu bràth: Bi nis Ard-Righ nan dùlan ’Ga mo stiùradh le d’ ghràs. Tha mo chlais’neachd air tréigsinn, ’S gu’n mo léirsinn ach mall, Tha sud a’ teagasg le reusan, Gu bheil mo réis aig a ceann; A Thì a dh’ fhuiling ’n am àite ’S a bha dhomh gràsmhor ’s gach àm, Biodh do Spiorad ’g am stiùiradh Ré mo chùrsa troimh ’n ghleann. ’Nuair a pheacaich ar sìnnsear Dh’ fhàg iad dìleab aig càch, Ged bha ’fhreumhaichean ìosal, Rinn iad dìreadh an àird ’S tric a mheall iad na fìrean’ Bu dìlse na càch; Tha na boirionnaich cinnteach, Iomadh fillte ro cheàrr. Ged a dh’ ìnnsinn-sa ’n tiotal Mar a misde cha ’n fheàird; Tha air aithris ’s an “fhìrinn” Le cinnte mar tha; ’S iomadh earrann ’s a’ Bhìobal A ni ’n dìteadh gu bràth; ’S anns na litrichibh prìseil Chaidh a sgrìobhadh le Paul. [TD 258] Ann an Gnath-fhocail Sholaimh Fhuair mi coimeas no dhà; Gu ’m bheil teine ’nam broilleach, Bhios ’n a dholaidh do chàch, O cha ruig mi leas fianuis A bhi ’g a h-iarraidh ’s a’ chàs; An neach bu ghlice ’s an t-saoghal Chuir e aont’ ris mar tha. O Thighearna phrìseil, Do’n léir gach nì a bhios ceàrr, Dean do lagh nis a sgriobhadh Air a h-inntinn gun dàil, Thoir dhi gliocas na “firinn” Nach dìobair gu bràth ’S dean a treòrachadh dìreach Dh’ ionnsuidh rìoghachd nan gràs. Ach a nis ’s a’ cho dhùnadh ’S e mo dhùrachd gu bràth Gu ’m biodh Ard-Righ nan dùlan ’G ad stiùiradh ’s gach àit, O, bi tric ris ag ùrnuigh, ’S cum do shùil air a ghnàth ’S bheir e dhachaidh a null thu Dh’ ionnsuidh dùthaich Chanàin. FANAIDH MO MHAIRI BUILEACH O ’N TI. LE EÒBHAN MAC COLLA. FONN.—“The Laird o’ Cockpen.” ’Illean, nach mise ’bha ’m bhurraidh bochd, truagh? ’N uair bha mi gun phòsadh chreid mi na chual’, A’s thuirt mi, le Màiri ’s math dheth bhios mì, Oir fanaidh mo Mhàiri buileach o ’n tì. [TD 259] Fanaidh mo Mhàiri buileach o’n òl,— A’n àite a béil théid an gloine r’a sròin; Cha n-ionann ’s na banagan shluigeas a trì— A’s fanaidh mo Mhàiri buileach o ’n tì. ’S lurach mo Mhàiri ’bleodhann na spréidh! Tha i gu cinnteach taghte air gréis; ’S eòlach air cuibhioll i, clobhaidh i ’n lìon, A’s fanaidh mo Mhàiri buileach o ’n tì. Ach thachair am pòsadh, dh’ ath’raich an duan,— Faic sinn nis còmhla ’m bothan na truaigh; Thàinig na pàisdean, Ochain, a rìgh! A’s, dh’ amais mo Mhàiri dol air an tì. A’s, ged a tha ’n olainn gun ghainne mu ’n spàrr, Seallaibh am burraidh ’s na ragan m’ a chlàr! An gloin’ air a bilibh gu ’n amais gun strìth A’s, Ochain, mo leòn! cha-n fhan i bho ’n tì. ’S ged tha i air dheireadh car beag air an fhu’al, ’S leath’ ’n t-urram air clobhadh, ’s tha ’bhlàth air mo chnuaic! Le olcas a bleodhainn chaidh ’Chean-fhionn, ’an dìosg’ ’S gu ’n cumadh i obair ri tobar le tì. Mo thruaigh air fear falamh a ’gheibh té le stràic, Mo thruaigh co ’sam bith e ’gheibh aon nigh’n a màth’r, Mo thruaigh thar a h-uile nì fear mar tha mì A thuiteas air banaig do ’n iodhal an tì. ORAN LE DEORSA CAIMBEUL, LIGHICHE, CIONABUS, DO CHATRIONA TAILLEIR, CEANN-TRAIGH, A’N ILE. SEISD:— Fuirich a rìbhinn phrìseal, phrìseal, Fuirich a rìbhinn ’s dìlse na càch, A mhaighdean is luraiche, fuirich a’n Ile, Og-bhan is dìlse chì mi gu bràth. Cha dìrich mi bruthach, ’s cha shiubhail mi còmhnard, Tuilidh ri m’ bheò ’s mo smeòrach ’n a tàmh, [TD 260] Ach éisdidh mi ghàir thig o bhàrr nan tonn mòra, ’S dh’ fhuilling mì bròn gu leòir air do sgàth. Fuirich, etc. Chunnaic mi ’n t-eithir a’ feitheamh na h-uaire, Mhealladh i bh’ uamsa gruagach mu ghràidh; Ma sgaradh o chéile sinn, b’ éibhinn an uaigh Seach an-shocair bhuan ’s gun bhuaidh aig a’ bhàs. Fuirich, etc. A mhaighdean is bòidhche na smeòrach ’s a chéitein, ’Soilleir an sgeul tha r’a leughadh an dràsd,— Ged ’s bòidheach an conasg, gur stobain gu léir e, ’S faicilleach théid gach creutair ’n a dhàil. Fuirich, etc. Le soirbheas ’s le sruithean mar ghuidhinn a’ d’ dhéigh, Gach calladh an téid thu, ’gheug an fhuilt thlàth, Bidh mise trom dubhach air tulaich leam fhéin, ’S mi sruthadh nan deur gu geur air do sgàth. Fuirich, etc. Pòg ’o d’ bheul milis na faighinn gun ghruaim e, Dheanadh e m’ fhuasgladh, ged ’s cruaidh e ’o ’n bhàs; A ghaoil thigeadh rughadh a’s lasadh a’ m’ ghruaidhean, Air eagal a luaidh do bhuaireadh le càch. Fuirich, etc. ’S e m’ acainn ’n uair shìnear mi ìosal ’s an ùir Nach lìonadh an driùchd do shùil ghorm bhlàth, Ma mheallas mi sìth ann an rìoghachd nan dùl, Far am binne luchd-ciùil, bi nunn air mo sgàth. Fuirich, etc. Ma tha thu gun fhortan cha ’n ’eil tochar a dhì orm, Airgiod no nì ged nach ’eil ann ad làmh, Bheir mi mo mhionnan nach fhaic thu mo mhì-thlachd, ’S gheibh thu bhuam sì-chainnt, seirc agus gràdh. Fuirich, etc. [TD 261] Ma ’s ann a’ tàr air mo nì, na cuir sìos air mo dhaoine, Dhiùlt iad thu ’ghaoil, bha iad faoin ann an càs, An Tì a chuir mise gu piantan an t-saoghail, Cha d’ fhàg e gun daoine mi, dh’ fhaoidt’ thoirt a làth’r. Fuirich, etc. Tha airgiod a’s òr ann am phòca gu h-uallach, Agus crodh guaillionn air buail’ air mo sgàth— ’S e rinn an eucoir a’ bhéisd a thug uam thu, ’S tha mi fo ghruaim o mhaduinn Dimàirt. Fuirich, etc. Fhuair mise litir ’s mi fàgail na tìr so, Bho fhear a bha dìleas dhomh ann an daimh, Cha ’n urrainn mi ’freagairt, ’s mo chridh’ ann an Ile Glaist’ aig an rìbhinn ’s ise ’n Ceanntràigh. Fuirich, etc. Mo shoraidh o ’n Oa, gu fear òg a’ chùil shnìomhain, ’S deimhin leam féin gu ’n tug mi dhuit gràdh, Ach ma bhios mi maireann, théid mi fhathast do dh’ Ile ’S dhuit-sa gu cinnteach bheir mi mo làmh. Fuirich, etc. ISE G’ A FHREAGAIRT. Mo shoraidh o ’n Oa, gu fear òg a’ chùil shnìomhain, ’S deimhin leam féin gu ’n tug mi dhuti gràdh, Tha mo ghaol dhuit cho buan ris an fhuachd tha san fhìor-uisg’ Caimbeulach rìoghail, foinnidh, deas, àrd. NA BROGAN DANNSAIDH. LE IAIN MAC DHUGHAIL. SEISD.— Cha dean na brògan dannsaidh,— An gnothuch idir, idir, idir; B’ olc na brògan dannsaidh, Nach maireadh idir dhòmh-sa. [TD 262] Na brògan ’fhuair mi ’an Dunfris— Ged a bha aid bòidheach, piollach; Thug mi ’n charraig iad g’a milleadh, ’S gun d’ rinn sud an stròichdeadh. Cha dean, &c. Gun robh ’n gutta percha daor dhomh, ’S shaoil mi e ’bhi saor ra cheannach,— Thug e na builg air mo bhuinn, ’S bi’dh cuimhn’ agam ri ’m bheò air. Cha dean, &c. Dh’ éirich an t-uachdar o’n bhonn, ’S bha m’ òrdag mhòr air lom na dallach: Sgaoil na deireannan o’n sàiltean, ’S rinn iad m’ fhàgail còmhla. Cha dean, &c. Cha bhi mi cos’lach ri càcha, Ged’ theid mi gu bàil na banais, B’ fheàrr dhomh ’n dibhersoin a chall— Na dannsadh le droch bhrògan. Cha dean, &c. Bha iad olc gu leum na fèitheadh, ’S cha robh feum annt’ anns a’ charraid, ’S dh’fheumainn fuireach fad o’n ghriosaich Ged bhiodh m’ fheusag reòta. Cha dean, &c. ’M fear a thàth ra chèile ’n’ tùs iad— Cha toir mise tùrn dha tuilleadh: On a mheall e mi le foill— Gur h-ann a thoill e ’chòrcach. Cha dean, &c. [TD 263] Mur a dealaich e ri dhòighean, Cha toir duine beò dha cuirein: Faodaidh e ’n dorus a dhùnadh. ’S luidhe ’n cùil na mòna. Cha dean, &c. ’N t-airgiod a chruinnich mi fhéin, A reic nam bìobull anns gach baile— ’S mòr am milleadh air mo chliù— A thoir do dhiù nan gròigean. Cha dean, &c. MO RUN GEAL, DILEAS. [The Chorus of this song evidently belongs to a much older composition, and seems to have no particular connection with the succeeding verses. The second verse occurs in the “Oran Gaoil” given on page 37, and it is difficult to decide which song has the better claim to it.] SEISD.— Mo rùn geal, dìleas, dìleas, dìleas, Mo rùn geal, dìleas, nach till thu nall? Cha till mi fhéin riut, a ghaoil, cha ’n fhaod mi, Oir tha mo ghaol-sa ’n a laidhe tinn. Is truagh nach robh mi an riochd na faoilinn A shnàmhadh aotrom air bhàrr nan tonn; A’s bheirinn sgrìobag do ’n eilean Ileach, Far bheil an ribhinn dh’ fhàg m’ inntinn trom. Mo rùn geal, etc. Is truagh nach robh mi ’s mo rogha céile, Air mullach shléibhte nam beanntan mòr, ’S gun bhi ga ’r n-éisdeachd ach eòin an t-sléibhe, ’S gu’n tugainn fhéin di na ceudan pòg! Mo rùn geal, etc. [TD 264] Thug mi còrr agus naoi mìosan, Anns na h-Innsean a b’ fhaide thall; ’S bean bòidh’chead d’ aodainn cha robh ri fhaotainn— ’S ged gheobhainn saor iad cha’n fhanainn ann. Mo rùn geal, etc. Tha d’ anail chùbhraidh mar fhàile ùbhlan, A’s tha do shùilean gu meallach, gorm; Is tu bean-uasal is grinne dh’ fhuaigheas; ’S ann ris a fhuair thu do thogail òg. Mo rùn geal, etc. Thug mi mìos ann am fiabhrus claoidhte, Gun dùil rium oidhche gu’m bithinn beò; B’e fàth mo smaointean a là ’s a dh-oidhche, Gu ’m faighinn faochadh a’s tu bhi ’m chòir. Mo rùn geal, etc. Cha bhi mi ’strìth ris a’ chraoibh nach lùb leam, Ged chinneadh ùbhlan air bhàrr gach géig; Mo shoraidh slàn leat ma rinn thu m’ fhàgail, Cha d’ thàinig tràigh gun mhuir-làn ’n a déigh. Mo rùn geal, etc. Mo mhionnan bheir mi air clàr a’ Bhìobuill Gur h-i an fhìrinn a th’ ann am bheul— Nach téid mi sìos ann an leabhar sgìreachd, Le té gu sìorruidh ach thu féin. Mo rùn geal, etc. Is coma leam ged a shil an latha; Is coma lean ged a laidh a’ ghrian; ’S ceart coma leam ged a robh mo leaba Gu fada, fada ’s an àirde ’n iar! Mo rùn geal, etc. [TD 265] TALADH IAIN MHUIDEARTAICH. LE IAIN MAC CODRUM, RIS AN ABRADH IAD GU COITCHIONN IAIN MAC FHEARCHAIR. [Rinneadh an t-òran so mar a leanas:—Air là àraidh air do Iain Mac Codrum, am bàrd, tighinn á Uibhist-mu-thuath do Bhaile-nan Cailleach, mhothaich, Mac-’ic-Ailein dha a nuas an cladh, ’s dh’ fhalbh e ’n a choinneamh, agus Iain Mùideartach, ’s e ’n a phàisde beag, aig air làimh. Suas thun a’ Bhail’-àird chuir e bonn òir an làimh a’ phàisde ’s dh’ iarr e air ruith an coinneimh a’ bhàird ’s a thoirt da. Rinn am pàisde so. Dh’ fhaighnichd am bàrd deth an robh aige dh’ airgiod ach sid, agus fhreagair e nach robh. “Mata,” ars’ am bàrd, “cha ’n ’eil aon oighre fearainn ’s an t-saoghal a bheireadh dhomhsa a chuid gu h-iomlan ach thu fhéin.” An sin thug e ’m pàisde ’n a uchd ’s choisich e sìos thun an tighe, ’s cha ghabhte uaith e gus an deanadh e òran dha. Dh’ iarr am bàird mar fhàbhar a dh’ ùine thoirt da fhad ’s a bhiodh e dol tiomchioll a’ ghàraidh-chàil. Fhuair e sid; agus ’n uair a thàinig e air ais sheinn e ’n t-òran so. Tha nis dlúth air ceud-gu-leth bliadhna bho ’n rinneadh e.] Mhoire ’s e mo rùn mo leanabh, ’S tu mac oighre Mhic ’ic Ailein, Ogha ’s iar-ogh’ nam fear fearail, Chaidh ’ur n-alla fada ’ga cur. B’ fheàrr leam féin gu’n cinneadh sid dhuit, Aois, ’us fàs, ’us àilleachd an cruth, Maise, ’s féile, ’s géire le guth. Taing do ’n Ard-righ thu bhi firionn, Chum ’s gu ’m meudaicheadh tu ’n fhinne, ’S gu ’m biodh tu a’ d’ spailp air do Chinneadh, ’S an deadh ionad ’s ’a bheil thu ’n diugh. Bhi gu sìobhalt’ bhuineadh sid dhuit, Garg ’us mìn mar chàirte ri d’ uchd, Pailt, ’s rìoghail, ’s aoidheil mu d’ chuid. B’ fheàrr leam fhéin gu’n cluinneadh càch e ’N uair nach bithinn fhéin a làthair, Iain Muideartach bhi ’na àrmunn, Air an làrach am bheil e ’n diugh: ’N a cheann tàmha ri tàrmunn puirt, Anns an àros ’n seinnear a’ chruit; ’S bhiodh do chàirdean mànranach riut. [TD 266] Thaobh do sheanar ’us do shean-mhath’r, Craobh a b’ aithne dhòmhsa ’leanmhuinn, Comunn mo rùin a dh’ fhàs ainmeil, As an ana-meinn cha d’ rinn iad bun. Cha robh mì-run fillte ri ’n cruth; Iochdmhor fiachail, ’s fialaidh mu ’n cuid, Cliù, ’us ciatamh, ’s rianadh le guth. ’S iomadh rioghachd agus nàisean, ’S an do mheudaich sibh ’ur càirdean, Mar ’rinn sibh ri Prionnsa Teàrlach, ’N uair bha ’ghràisg a’ bagairt a mhort. Lean an dùthchas clùiteach ud riut— Dol an cunnart d’ anma ’s do chuirp; Thaobh an cùil cha tionndadh iad stuth. Fir Chnoideart ’s ann leibh gu’n druideadh, ’Rachadh mar sheabhag ’s na druidibh, B’e beachd ’ur naimhdean bu ghlice, Thaobh ’ur misnich gu ’m b’ fheàrr dhoibh sgur. Luchd ’ur eucoir ghéilleadh iad tur. Meud ’ur beuma, ’s géiread ’ur luinn, ’N déigh an léireadh b’ éigin dhoibh sgur. An fhinne mhòr ’s am pòr dh’ fhàs ainmeil, Domhnullaich, ’s Raonullaich chalma, Bha gu fuilteach, stròiceach, feargha, ’N uair a chàirte ’n arguin ri ’n uchd. ’S e Clann Raonuill bhoillsgeadh mar thuil, ’N àm na caornaig chraosgladh iad fuil; Fearg ’nan aodann ’s b’ aognuidh an cruth. C’àite an robh iad riamh ri ’n àireamh, ’S iad ’nan seasamh ri h-uchd nàmhaid, H-aon a bhuadhaich air Clann Rà’uill; ’S iomadh àrach ’s an d’ rinn iad bruth? [TD 267] Le ’n gaoir-chatha-farum an uilc; Cinn ’g an sgathadh, snaidheadh air cuirp; Luaidhe treabhadh domhain troimh ’m fuil. C’ àit’ an cualas riamh ri ’n àireamh, ’S iad ’nan seasamh air cùl Spàintich, H-aon a bhuadhaich air Clann Rà’uill, Gnùis gun fhàillin, stàilin mar stuth; Dream gun eagal, ’sheasadh roimh ’n trup; Cruaidh, gu fearail, tarruing air stuic; Stialladh ghearran ’s fhear air am muin. Bha Clann Rà’uill treun aig ’Arla; ’Nuair bhrosnuich Lachlainn am bàrd iad, Sheas iad dìleas mar an stàilinn Gus an robh ’n nàmh toileach air sgur. Na fir àluinn àireamh dhiu thuit, ’S cha bu nàr dhoibh tràghadh air fuil; ’S b’ iomadh àrmunn ’bhàsaich le guin. An cuimhne leibh là blàir Léine? Bha na Frisealaich ’nan éiginn, Cha d’ shàbhail fear as a cheud diu, ’S ghléidh sibh féin bhur cuid gus an diugh. Na fir thaobhgheal’ b’ fhaobharach guin, Luaidheadh aodach caol agus tiugh; Cloithean màdair ’s càrnaid ’nan cur. Ri linn Alasdair ’s Mhontròis, Bha sibh ’nar caithream an Lòchaidh; Bu ghleusda, baranta, Dòmhnull Leomhann crò ’s an tòrachd a muigh. Bha ’ur naimhdean diolta dhe ’ur cluich; Thug iad maoim a mach air a’ mhuir, Broinn air bhroinn a ruith leis an t-struth. [TD 268] B’ iomadh fear-cleòc’ agus Aibid, Bha chòta cho fliuch r’a chais’eart, Fòghlum an t-snàmh’ nach robh aige; Air an aigeal luidh iad air ghur. Cha robh daol a’ faochnadh an cuirp; Oir bha ’n aodach caol agus tiugh; Ni nach b’ ioghnadh, ’aognuidh ’s e fliuch. Là eil’ ann an Coille-chnagaidh, Dh’ fhalbh Mac-Aoidh ’s gu’n d’ fhàg e ’bhaggage, B’ fheumail an gniomh rinn an t-each dha, Air na bh’ aige chuir e droch bhuil. B’ iomadh sonn a b’ fhonn’oire guth, Bh’air Raon-Ruairidh ’s fuaran o’n cuirp, Cinn ’us gruagan luidht’ ann am fuil. Là eil’ ann an Sliabh an t-Siorraim, Cùis an àir a dh’àraich tioma, Thuit Ailean an neart an teine; Leomhann smearail ’s b’fhearail a chruth. ’S truagh an tòrachd ’thàinig thar muir, Dh’ fhàg sid leòinte ’stigh sinn ’s a muigh; Nis, sinn stòlda ’s còir dhuinn bhi sgur. AN GLEANN ’S AN ROBH MI OG. LE N. MAC-LEOID. AIR FONN.—“When the kye come home.” ’N uair philleas ruinn an samhradh, Bi’dh gach doire ’s crann fo chròic, Na h-eòin air bhàrr nam meanglan, Deanamh caithream bhinn le’n ceòl, [TD 269] A’ chlann bheag a’ ruith le fonn, Mu gach tom a’ buain nan ròs; B’e mo mhiann a bhi ’san àm sin, Anns a’ ghleann ’san robh mi òg. Anns a’ ghleann ’san robh mi òg, Anns a’ ghleann ’san robh mi òg, B’e mo mhiann a bhi ’san ám sin, Anns a’ ghleann ’san robh mi òg. ’Sa mhaduinn ’n àm dhuinn dùsgadh, Bhiodh an driùchd air bharr an fheòir A’ chuthag a’s gu-gùg aic’, Ann an doire dlùth nan cnò, Na laoigh òg’ a’ leum le sunnd, ’S a cur smùid air feadh nan lòn, Ach cha’n fhaicear sin ’san àm so, Anns a’ ghleann ’san robh mi òg. Anns a’ ghleann ’san robh, &c. ’N àm an tional do na bhuailidh, B’e mo luaidh a bhi na’n còir; Bhiodh a duanag aig gach guanaig, Agus cuach aice na dòrn, Bhiodh Mactalla freagairt shuas, E ri aithris fuaim a beòil, Ach cha chluinnear sin ’san àm so, Anns a’ ghleann ’san robh mi òg. Anns a’ ghleann ’san robh, &c. Ann an dùbhlachd gharbh a’ gheamhraidh, Cha b’e àm bu ghainn’ ar spòrs, Greis air sùgradh, greis air dannsadh Greis air canntaireachd a’s ceòl; Bhiodh gach seanair aosmhor, liath, G’ innseadh sgialachdan gun ghò, [TD 270] Air gach gaisgeach fearail, greanmhor Bha ’s a’ ghleann ’n uair bha iad òg. Bha ’s a’ ghleann ’n uair bha, &c. Bha de shòlas dhe gach seòrs’ ann, ’Chumadh òigridh ann am fonn, Cha robh uisge, muir, no mòinteach, Air an còmhdach bho ar bonn; Ach an diugh tha maor a’s lann, Air gach alltan agus òb; Cha’n ’eil saorsa sruth nam beanntan, Anns a’ ghleann ’san robh mi òg. Anns a’ ghleann ’san robh, &c. Tha na fàrdaichean ’n am fàsaich, Far an d’ àraicheadh na seòid, Far ’m bu chairdeil fuaim an gàire, Far ’m bu chàirdeil iad mu’n bhòrd; Far am faigheadh coigreach bàigh, Agus ànrach bochd a lòn, Ach cha’n fhaigh iad sin ’san àm so, Anns a’ ghleann ’san robh iad òg. Anns a’ ghleann ’san robh, &c. Chaochail maduinn ait ar ’n òige, Mar an ceò air bhàrr nam beann, Tha ar càirdean a’s luchd-eòlais, Air am fògradh bhos a’s thall; Tha cuid eile dhiu nach gluais, Tha na’n cadal buan fo’n fhòid, Bha gun uaill gun fhuath, gun ann-tlachd, Anns a’ ghleann ’san robh iad òg. Anns a’ ghleann ’san robh, &c. Mo shoraidh leis gach cuairteig, Leis gach bruachaig agus còs, [TD 271] Mu’n tric an robh mi cluaineis, ’N àm bhi buachailleachd nam bò; ’N uair a thig mo réis gu ceann, Agus feasgar fann mo lò, B’e mo mhiann a bhi ’san àm sin Anns a’ ghleann ’san robh mi òg. Anns a’ ghleann ’san robh, &c. MORT GHLINNE-COMHANN. LE DOMHNULL MACCALLUM, ANN AN GREIGNIS. Soraidh leat O Ghleann mo ghràidh! Tha ridht’ an diugh a’ d’ leine bhàis; As do dhéigh gu bràth, gu bràth, Cha bhi ’m bàrd ach deurach, brònach. Tha do ghaisgich uaibhreach, stàiteil, Measg na mhortadh air an àireamh; ’S tha do thighean ’nis ’nan làraich Far an d’ àraicheadh ’n ar n-òig’ sinn. Anns an fheasgar bha sinn aobhach, Gabhail òrain, shunntach, aotrom; Och! mo dhiùbhail! ’s beag a shaoil sinn Bhi cho sgaoilteach fo àm éiridh: Gum biodh cuid ’nar leabaidh leòinte; Cuid ’s na cuidhean sneachda reòidhte; ’S anns a’ choill gu ’m biodh an còrr dhinn Caoidh le deòir an dream a dh’ eug dhinn. Dhuisg an raoir an gearan geur mi; Las mi ’n lòchran air dhomh éiridh, ’S chunnaic mi mo mhac ’na shléitrich, Fhuil ga thréigsinn ’s e gun deò ann. [TD 272] Och! nach mis’ a thuit a cheud fhear, Chum ’s nach fhaicear leam-sa m’ eudail, Anns an leabaidh leòinte, reubte Leis na béisdean bha gun tròcair. ’Nuar a dh’ éirich lasradh gruamach, Soilleir, dealrach, dian m ’n cuairt dinn, Sinne fhuair an sealladh fuath’sach, Cha chuir duan do bhàrd an céill e. Gillean òg’ gun anail chìtear, Leanaban maoth’ o ’m màth’ir gan spìonadh, ’S balachain bheag gun stàdh ri crìosgail, “Co bheir dìon duinn, c’ àit an téid sinn?” Gu bhi sàbhailt cha robh dòigh air, Oir b’ i ’n oidhch’ bha fiadhaich dòbhaidh Anns am facar fuil Chlann-Dònuill Air a dòrtadh ’s iad gun éiridh. Ach mur biodh ar n-òigridh suaineach ’Nuair a bhuailt’ an stailinn chruaidh orr’, Cha robh ’n fhuil air làr gun truailleadh, ’S cha robh buaidh aig luchd na h-éucoir. Ach ’bhi moirte ’s mòr gu ’m b’ fheàrr leam Na gu ’n dòirtinn féin le m’ làmhaibh Fuil an dream bhiodh ruim cho bàigheil, ’S iad gun sgàth gu suaineach, sàmhach. Riamh cha ’n fhacas dream cho seòlta, Dream cho fuilteach air bheag tròcair Ris na daoin’ a shuidh aig bòrd leinn ’S a ghabh còmhnuidh leinn mar chàirdean. ’S iomadh nighneag fhoinnidh, bhòidheach Dh’ fhàgar leò gun àite còmhnuidh, Anns an fhàsaich fhuair gun sòlas, Gun neach beò ann ’ghabhas truas dhiu, [TD 273] ’S iomadh màth’ir tha ’n diugh fo léireadh, Caoidh gun fhois a mic ’s a céile; ’S iadsan reòidhte ’m fuil a chéile, Sneachd ag éiridh àrd mu ’n cuairt orr’. ’S bochd da-rìreadh mar a dh’ éirich; Do chuid ghaisgeach air an reubadh; Aig do naimhdean do chuid spréidhe; ’S iad ’nan sléitrich do chuid chòmhnuidh. Soraidh leat O Gleann mo ghràidh! Tha ridht’ an diugh a’ d’ léine bhàis; As do dhéigh gu bràth, gu bràth, Cha bhi ’m bàrd ach deurach, brònach. AM BRUADAR SO, AM FAOIN-SGEUL E? LE EÒBHAN MAC-COLLA. FONN:—“Màiri bhàn Dhail-an eas.” Am bruadar so, am faoin-sgeul e? No ’m faod e a bhi fìor, Do gheallaidhnean gu ’n dì-ch’nicheadh Tu air son òir no nì? Cha tig, cha tig ath-sgeul domh air— Nan tigeadh b’ éibhneach mì; Ach o’n chaidh ’n t-snaim do-sgaoilidh ort, Dhe ’n t-saogh’l so tha mi sgìth. O ’s mairg ’ni earbs’ á boirionnach! Gur h-ainneamh gheibhear té ’Bhios dìreach anns an leannanachd No leanailteach ’s a’ ghaol; [TD 274] Mar ’s bòidhche ’s ann a’s caraich’ iad, Tha ’n aigne mar a’ ghaoth; Bu daor a fhuair mi aithn’ air sud Bho ainnir an fhuilt chaoin. Bu daor, bu daor a cheannaich mi An sonas nach robh buan; ’N uair shaoil mi ’bhi aig cala Chaidh mo philleadh thun a’ chuain;— Mo thruaigh mi! ciod so dh’fhairich mi Nach d’ aithnich thu ni ’s luaith’? ’S ann ’n uair rinn càch do spùinneadh bhuam A dhùisg mi ás mo shuain. O! c’ uime, ’ghaoil, a dh’fhàg thus mi? Bha là ’s bu leam do phòg,— Bu leam do bhrìodal mànranach, ’Bha aon uair blàth gu leòir; Bu leam bhi ’d’ chneas, ’s b’ e ’m Pàrras e! ’N uair bhitheadh càch ’nan clò;— Bha uair ’s bu leam, mar meallta mi, Do chridhe fallsa fòs. ’S e thu ’bhi ’n cneas an aineolaich A nis a’ gabhail suain A rinn mo chàileachd fhannachadh, ’S a thanaich clis mo ghruaidh, An saogh’l cha ’n fhada mheallas mi, O! ’s falamh é ’s tu bhuam,— A ghaoil, bi aoibhinn, toilichte Théid mi gu h-ealamh ’n uaigh! ’N uair chuireas iad fo thalamh mi ’S a chinneas tharam feur, An tig, an tig thu ’ghal air m’ uaigh? No ’n sil thu aona dheur? [TD 275] Cha sil! cha sil! cha teann thu ris,— B’ e ’n t-iongantas an té A rinn mo bheatha ghiorrachadh ’Bhi duilich as mo dhéigh! A fhleasgaich òig, bi furachail,— Aon earail gabh uam féin, Na taobh ri té ’bhios eireachdail Mar aithne dhuit a beus; Ged gheibh thu ’n coslas aingil i, Ma ’s caileag i gun stéidh, Gu ’n dean i ’n tùs dhìot amadan, A’s aithreachan ’na dhéigh. EILIDH BHAN CHOIRE-CHNAIMH. LE EOBHAN MAC COLLA. AIR FONN:—“Buain na rainich.” SEISD.— Eilidh bhàn Choire-chnàimh Maighdean bhanail nam beus ceanail, Eilidh bhàn Choire-chnàimh, Cò nach tugadh gaol dhi? Mi ’n so ’m aonar ’s manadh pòig orm O ’n mhnaoi òig ’s rùn cléibh dhomh, ’S beag an t-ioghnadh cainnt mo chrì’ bhi “Greas a nìos ort, ’eudail!” Eilidh bhàn, etc. Gaol gach gille, cliù gach filidh Tuath no deas gun téid mi— Na’m b’ fhear-dàn mi mar a b’ àill leam Gu là bhràth bhiodh sgeul ort. Eilidh bhàn, etc. [TD 276] Gun dad fasgaidh ach mo bhreacan, ’S mo lamh dheas mu d’ chaol-chrios, Sud mar fhuair mi ’n oidhche ’s buaine Tric ro-luath ’g ar sgaoileadh. Eilidh bhàn, etc. Ged tha Fear a’ Bhraighe, thall ud, ’S ciadan eile ’n déigh ort, S leam-sa, neothar-thaing dhoibh uile, Gaol a’s furan m’ eudail! Eilidh bhàn, etc. ’S truagh nach b’ ann an nochd, a leannain, Dh’ òlar deoch na réite, ’N sin le’r gairm gu Cill-a’mhunna Cha bu ruith ach leum domh! Eilidh bhàn, etc. ORAN GAOIL, LE ALASTAIR MAC DHUGHAILL ANNS AN SGUIL. SEISD.— O, cha cheil mi, ù, cha cheil mi, O, cha cheil mi nach tu ’s feàrr leam! ’S mì nach ceil air sluagh an t-saoghail, Nach tug mì mo ghaol thar chàich dhuit. ’S cha bhi iongantas air daoine, Ged thug mi mo ghaol thar chàich dhuit; ’N uair a dhìnnseas mi do bhuaidhean, ’S bheir mi suas dhuibh ann an dàn iad. O, cha cheil mi, etc. Tha do ghruaidhean mar na ròsan, ’N uair is bòidhch’ iad anns a’ ghàradh; Do dheud shnaighte mar an ìbhridh; Dà shùil mhìogach ’s iad ro-nàrach. O, cha cheil mi, etc. [TD 277] Meur is grinne th’ air an sgrìobhadh, ’S cha ’n ’eil nì nach d’ fhuair thu làmh air; Bu tu banarach na buaile, ’S cò bheir buaidh ort leis an t-snàthaid? O, cha cheil mi, etc. Bròg chuimir, ghrinn, nach dochainn feòirnein, ’S tha thu còir a’ falbh na sràide; Pearsa chumachdail, deas, dìreach, ’S cha’n’eil mìr dhiot ’s am bheil fàilinn. O, cha cheil mi, etc. ’S cha ’n ’eil maighdean òg ’s an tìr so, ’Thig a nìos riut ann an àilleachd; ’S e do ghaol a chuir fo chìs mi, ’S ged bu rìgh mi ’s tu bu bhànrighinn. O, cha cheil mi, etc. Tha thu sìobhalt’, tha thu suairce, ’S tha thu uasal a thaobh nàduir; Ma tha neach ’s am bith nach cual e, An Sgamadail a fhuair thu d-àrach. O, cha cheil mi, etc. ’S lìonar buaidh a tha air m’ fheudal, Cha ’n urrainn dhomh gu léir an àireamh; ’S uaibhreach fear a gheibh dha féin thu, ’S truagh a’d’ dhéigh gach fear ’thug gràdh dhuit. O, cha cheil mi, etc. O, gur trom a thug mi spéis dhuit, ’S cha ’n ’eil feum dhomh ’bhi ga àicheadh; Mar a faigh mi thu ri m’ ghuallainn Gur e ’n uaigh is àite tàmh dhomh. O, cha cheil mi, etc. [TD 278] ’S ma bhios daoine nis a feòraich, Co chuir òrduigh air an dàn so; Innsear dhoibh gur e Mac-Dhùghaill ’S anns an Sgùil a fhuair e àrach. O, cha cheil mi, etc. LUINNEAG. LE DÒMHNULL MACEACHARN. AIR FONN.—“The Flowers of the Forest.” Chunna mi na gruagaichean, Le’n cumain ’us le’m buaraichean, A’ bleodhan a’ chruidh ghuailfhinn, Air uabhar an t-sléibh. Le’n luinneagan ’s le’n òrain, A’ tional a’ chruidh còmhla, Bu bhinne leam a chòisir, Na smeòrach air ghéig. Ach ’nis cha ’n fhaic mi gruagach; A’ bleodhan cruidh air buaile, No idir na buachaillean, A’ cuallach an treud. Cha’n fhaicear crodh air àiridh, Cha’n fhaicear spréidh le’n àl ann, ’S ann tha na glinn a b’ àille, Nam fàsaich fo fhéidh. Na srathan a bu bhòidhche, ’S an robh na daoine ’chòmhnuidh, ’Us anns’ am faight’ an òigridh, Bu mhòdhaire beus. [TD 279] An diugh gu fuaraidh, fàsail, Gun aon chuid buar no bàrr annt,’ ’Us dachaidh nam fear àbalt, ’N an làraichean réidh. Cha’n fhaicear tigh fo’ smùid ann, Cha chluinnear ceòl no mùirn ann, ’Us far am biodh na diùnlaich, D’an dùchas bhi treun. Tha’m fiadh a’ dol ’sa’ bhùireadh, Tha’n coileach dubh ’san dùrdail, ’Us comunn caoin mo rùin-sa, An dùthchanna céin. ’Us ged nach fhaic an t-àl so Na h-uile nì mar bhà e, Cho cinnt’ ’sa tha mi ’g ràdh, chì An t-àl thig ’nar déigh. Oilean agus fòghlum A’ togail suas na h-òigridh, ’Us Gàidheil mar bu chòir dhoibh, ’Nan còirichean fhéin. Na gleanntan bi’dh fo àiteach, Na beanntan bi’dh fo àlach, ’Us pailteas anns gach fàrdaich, Mar b’ àbhaist o chéin. ’S an àite bròn ’us tùirse, Bi’dh aighear agus sùgradh, Ma gheibh am Blackie cùirteil Na cùisean g’a réir. [TD 280] THA MI TROM ’S DUILICH LEAM. SEISD.— Tha mi trom ’s duilich leam, ’S muladach mar tha mi, O’n chuir mo leannan cùl rium, Cha téid fear ùr ’na àite. ’Nuair chaidh mi thun a chladaich leat, ’S a dh’ amhairc mi a’ d’ bhàta; Gu’n robh mo chridhe ’caoineadh Ged ’rinn mi faoin an gàire! Tha mi trom, &c. Bha uair a bha mi cuireadach, Mar uiseagan an fhàsaich; ’N uair chuimhnaichinn do shùgradh A fhleasgaich ùir nam blàth-shùil. Tha mi trom, &c. Ach o’n a rinn thu caochladh Air faoin-tràgh rinn thu m’ fhàgail, O’n mheall thu le’ do ghaol mi; Cha ’n fhaod mi bhi mar bhà mi. Tha mi trom, &c. Chunna’ mi’n raoir bruadar, A dh’ fhuasgail ás gach càs mi; Gu ’n robh thu rium ri suairceas, Cho uasal ’s a bu ghnàth leat. Tha mi trom, &c. ’N uair dh’ fhosgail mi mo shùilean, ’N àm dùsgadh as a phràmh sin; Bu mhuladach mo smaointinn, Gur aisling faoin a dh’ fhàg mi. Tha mi trom, &c. [TD 281] Ach soraidh le do leannanachd, On dh’ aithnich mi do nàdur; ’N uair si ’n té lùisbach rìabhach; A mhìannaich thu na m’àite. Tha mi trom, &c. Cha bhi mi féin an diùmba ruit. A rùin ma’s ise ’s feàrr leat; ’S gur h-ì do rogha céile, Ni éiridh leat am màireach. Tha mi trom, &c. ORAN DO DH’EILTHIREACH. LE BAINTIGHEARNA D’ OYLY. SEISD.— Tha mo chridhe trom, trom, Cha ’n éirich leam fonn, Bho’n dh’ fhalbh an long bho thìr; Tha i nis fo sheòl, ’S gaol mo chridhe air bòrd, Gun dùil gu ’n till e chaoidh. Tha e nis air falbh uam, Còig mìos’ air a’ chuan, Gu ’n dùthaich ùr, uaine, fada thall, Far bheil pailteas spréidh air aonach, ’S na ceudaibh mìle caorach, A’s obair ri fhaotainn ann. Tha mo chridhe, etc. Thug mo rùn gealladh dhòmh-sa, Gu ’n deanadh e mo phòsadh, ’N uair bhitheadh aige stòras a’s nì, [TD 282] ’S nach deanadh e mo dhi-chuimhne, ’S gu ’n cuireadh e gu m’ iarraidh, An ceann dà bhliadhna do thìm, Tha mo chridhe, etc. O, ’s trom leam bhi fàgail Na tìr an d’ rinneadh m’ àrach, Mo fhineadh ’s mo chàirdean gu léir, Ach ’s mòr a tha mi ’n dùil, Nach fad gus ’n cuir iad cùl rith’, ’S gu ’m bi iad uile falbh na m’ dhéigh Tha mo chridhe, etc. Leam ’s cianail tìr m’ eòlais, Gun aighear, gun sòlas, Gun mhire, gun cheòl, gun danns’, Tha na h-uachd’rain air ’fàgail, Cha ’n urrainn sinn bhi tàmh innt’, ’S e a nis air a reic do ’n Ghall, Tha mo chridhe, etc. Tha Ghàidhealtachd, ’s Eirinn Fo dhòruinn ’s fo éigin, ’S an Gall bho thìr gu tìr, Na mìltean a’ cur sùrd orr’, ’S a’ toirt na dùthch’ ùir orr’, Mu ’n téid iad uile dhìth. Tha mo chridhe, etc. O, Ghàidhealtachd ghaolach! Nan cladach ’s nam faoileann, Nan innis ’s nan aonach uaine, Nam beannaibh mòra, àrda, Nan luingeas a’s nam bàta, Tigh’n fo sheòl bho àird a’ chuain. Tha mo chridhe, etc. [TD 283] O, Ghàidhealtachd àluinn! Nan eilein ’s nan àrdach, Nan caisteal air bhàrr gach bruach, Nam fleasgach ùr meamnach, Bu deise bha ’n Alba— Mo chreach mar a dh’ fhalbh iad uainn! Tha mo chridhe, etc. O, Ghàidhealtachd dhealbhach! Nan coille a’s nan garbhlach, Nan coire gu sealg an fhéidh, Tìr iolair nan creag mòr i, ’S gach eun ’s binne còmhradh, Gu smeòrach àir bhàrr nan geug. Tha mo chridhe, etc. O, Ghàidhealtachd chàirdeil! Nan ceud mìle fàilte, Mo bheannachd ’s mo ghràdh ort a chaoidh, Tìr nan saighdeirean ainmeil, Thug barrachd air gach armailt An cogadh an arm an rìgh. Tha mo chridhe, etc. FHLEASGAICH UIR, LEANAINN THU. SEISD.— Fhleasgaich ùir, leanainn thù, Fhir a’ chùil bhòidhich; Fhleasgaich ùir, leanainn thù. ’S mi gu’n rachadh ad choinnimh, Air mo bhonnaibh gun bhrògan. Fhleasgaich ùir, &c. [TD 284] Air bonnadh mo chasan, Ged bhiodh clachan ga’n stròiceadh. Fhleasgaich ùir, &c. Ged bhiodh reothadh ro chruaidh ann, ’S sneachd fuar air a’ mhòintich. Fhleasgaich ùir, &c. Fhir nan camagan donna, Rinn mi coinneamh glé òg ruit. Fhleasgaich ùir, &c. Fhir nan calpa geal, gasda, Tharruinn d’ astair troimh ’n mhòintich. Fhleasgaich ùir, &c. Fuil a’ bhruic air do léine, ’S fuil an fhéidh air do chòta. Fhleasgaich ùir, &c. Fuil an laoigh bhric, bhallaich, Mar bhannaibh mu d’ dhòrnaibh. Fhleasgaich ùir, &c. ’S mi gu’n siùbhladh Gleann Rao’ill leat, Agus dà thaobh Loch Lòchaidh. Fhleasgaich ùir, &c. Dh’ fhalbhainn air muir no air tìr leat, Gu ruig crìoch na Rionn-Eòrpa. Fhleasgaich ùir, &c. Ged nach mò leat mi ’m bliadhna, ’S tric a dh’ iarr, thu mo phòg orm. Fhleasgaich ùir, &c. [TD 285] Cha bhi mi ga d’ chàineadh Gar an dàn dhomh do phòsadh. Fhleasgaich ùir, &c. Ach guidheam gu slàn thu Gach là fhad ’s is beò mi. Fhleasgaich ùir, &c. AN NIGHEAN DUBH. ’Nighean dubh nan gruaidhean craobhach, Bha mi uair ’s bu bheag a shaoilinn, Gu ’n caidilinn an oidhch’ as t-aogais; Chaidh sud aog a’s chaochail e cruth. Tha thu suarach umam an diugh, Ged bha uair ’bu toigh leat mo ghuth; Tha thu suarach umam an diugh. ’N uair a bha sinn anns na gleanntaibh, ’Cuallach a’ chruidh-laoigh mu’n mhainnir; Shaoil mi fhéin nach robh air thalamh Fear a mhealladh bean a’ chinn duibh. Tha thu suarach, etc. A thé sin a tha aig na gamhna, Bha mi uair ’s bu mhor mo gheall ort; ’S gil’ thu na sneachd air na beanntaibh, Anns an àm ’s am bitheadh ’g a chur. Tha thu suarach, etc. Tha mi lag, ged bha mi làidir, Tha mi sgìth gu siubhal fhàsach; ’S gur e thug mo chridhe mhàn, Ro mheud a’ ghràidh a bharaig mi dhuit. Tha thu suarach, etc. [TD 286] Tha do chneas cho geal ’s an fhaoileann Do dhà ghruaidh cho dearg ’s an caorann; Suilean meallach, gorm ad aodann, Mala chaol mar ite ’n loin-duibh. Tha thu suarach, etc. Tha thu boidheach, tha thu lionneil, ’S duilich leam gu ’m bheil thu foilleil; ’S binn’ thu na guth ’choilich-choille, Anns an doire ’n goireadh e moch. Tha thu suarach, etc. Is tric a bha saill air seann each, Agus puinsean ann an glainne, Amhuil sin a’s gaol mo leannain, Mar chop geal air bharraibh nan sruth. Tha mi suarach umad an diugh, Ged bha uair ’bu toigh leam do ghuth; Tha mi suarach umad an diugh! SLAN LE GLEANNDARUAIL. Le Iain Mac-na-Ceardadh a bha ’n a mhaighstir-sgoil ann an Strontian agus a tha nis ann am Prince Edward’s Island. Bha ’n t-òran air a sgriobhadh ’s a’ bhliadhna 1837, air son òganach a mhuinntir a’ Ghlinne a bha ’dol do dh-Australia. AIR FONN.—“Cumha Airdmeàrnaig.” Slan le beanntan an fraoich Dhosach, ghucagach, chaoin,— Badan suaicheantais dheadh Chloinn-Dòmh’uill,— Le shugh meala a’s céir, A’s ’g an sàsach’ dheth fein le sògh; ’S a’ toirt fasgaidh ri fuachd Do chaoraich ’s do dh-uain, ’S do na cearcagan ruadh, an lòn. ’S a’ toirt fasgaidh, etc. [TD 287] ’S le Gleanndaruail mo chrìdh’, Rìgh gach gleann tha ’s an tìr! Far an d’ àraicheadh mi bho m’ ògh— Gleann nan coiltean ’s nan raon, Gleann nan glacag ’s nan craobh, Gleann nan aighean, nan laoigh, ’s nam bò; Gleann nam bradan, ’s nan grìs, Gleann nan cam-lùba mìn, Gleann is pailte ’s an cinn gach pòr! Gleann nan bradan, etc. Far an binne na h-eòin, Far an grinne na h-òigh’n, ’S iad gu ceileireach, ceòlmhor, còir; Modhail, beusach, gun ghruaim, Teisteil, cùirteil, grinn, suairc’, Tuigseach, foghluimte, stuaim’, gun phròis; Dreachail, meachair, gun mheang, Ann am pearsa ’s an cainnt, ’S iad deas, ròsail, gun sgraing, gun sgleò. Dreachail, meachair, etc. A’s na fleasgaich is àill’, Foinnidh, fearail, làn bàigh, Uasal, smiorail, air sràid ’s aig mòd; ’S iad ard-inntinneach, dian; ’S anns an tìr am mor miadh— ’S iad a sheasadh gun fhiamh a’ chòir! ’Reachadh foirmeil gu strìth, ’Bheireadh nàimhdean fo chìs, A’s nach géilleadh gu sìorruidh beò. ’Rachadh foirmeil, etc. M’ an cuir gleanntan m’an cuairt Dhiubh cranndachd an fhuachd, Bidh Gleanndaruail nam buadh ’n a ghlòir; [TD 288] Bidh chraobh-ubhal fo bhlàth, Bidh an duilleach aig ’fhàs, ’S ceileir cuthaig an sgàth nam fròg; ’S Mac’-’Illeathain le ’phìob, ’N àm na gréin bhi ’dol sìos, A’ toirt fuaim as an tìr le ’cheòl. ’S Mac-’Illeathain, etc. Achaidh-teangain an àigh, Soraidh slan leat gu bràth! S leis gach neach a tha ’tàmh air d’ fhòid;— Slàn le cuideachd mo ghràidh, Slàn le m’ athair ’s le m’ mhàth’ir, Slàn le m’ pheathraichean bàigheil, òg; Slàn le m’ bhràithrean gu léir, Slàn le m’ chàirdean ’s luchd-spéis, Slàn le uiseag nan speur ’s a ceòl! Slàn le m’ bhraithrean, etc, ’S eiginn dòmh-sa nis triall, ’Dh-fhàgail dùthaich nan triath, Nam filidh nan cliar ’s nan seòid; Na h-earba, ’s an fhéidh, Agus iolair nan speur, Na h-eala, nam peuc, a’s nan còrr; Nan sìthean, ’s nan cruach, A’s nan dùn, a’s nam bruach, Nan doire, nan cluan, a’s nan còs. Nan sìthean, etc. Ged tha ’n dùth’ch so lan bhuadh, ’S iomadh diomh ’tha rith’ fuaight’,— Cha chum ceileir na cuaich rium lòn,— Tha na fearainn ro dhaor, A’s na tuarasdail saor, S cha ’n ’eil farraid air saothair dhaoin’ òg; [TD 289] Ach tha siùil ris an long ’Tha gu m’ aiseag thar thonn, Gu Australia, fonn an fheòir. Ach tha siùil, etc. ORAN GAOIL. SEISD.— Faill ill o, agus horo éile, Hao ill o, agus horo éile, Faill ill o, agus horo éile, A fhleasgaich dhuinn nach ann duinn a dh’ éirich. O, nan tachradh tu ’s an fhraoch orm, A fhleasgaich dhuinn an leadain chraobhaich, Luidhinn fhéin leat air bheagan aodaich, Ged ’bhiodh an sneachda g’a chur ’s an aonach. Air faill ill o, etc. ’S thug mi gaol dhuit ’s cha ’n fhaod mi àicheadh, Nach tug piuthar riamh d’a bràthair, ’S nach tug bean d’ a leanamh ràidhe, ’S nach tug bò riamh d’a laogh air àiridh. Air faill ill o, etc. ’S thug mi gaol dhuit, ’s cha tug mi fuath dhuit, ’S tha mo chàirdean uile ’n gruaim rium, ’S mairg a dh’ iarr e riamh nach d’ fhuair e— Uisge blàth ’thoirt bho leachdan fuara. Air faill ill o, etc. ’S trom an cudtrom air built mo bhrògan ’Dol do ’n chlachan air Di-dòmhnaich, Dh’ fheuch am faic mi ann an t-òigear, An giullan donn sin a gheal mo phòsadh. Air faill ill o, etc. [TD 290] Thuirt mo mhàthair gu càirdeil, ciùin rium, A chaileag nàrach na cuir diù ann, ’S cia mar ’s urrainn mi ri ghiùlan, ’S gu ’m bheil do phòg leam air bhlas nan ùbhlan? Air faill ill o, etc. Thairg m’ athair mìle ’n òr dhomh, ’S gheall mo mhàthair buaile bhò dhomh, Ged gheibhinn sud a’s an saoghal còmhl’ ris, ’S mòr gu ’m b’ annsa leam féin an t-òigear. Air faill ill o, etc. ’S a phiuthar ghaolach, dean gu réidh rium, Na cum an crodh a’s na laoigh o chéile, ’S ged a bhithinn-se air an déirce, Na cumaibh uam-sa rùn mo chéile. Air faill ill o, etc. CHA MHOR NACH COMA LEAM COGADH NO SITH. LE IAIN MAC DHOMHNUILL, CEANN LOCH-LEAMHAIN, AM MUILE. SEISD.— Fal o, hal dal o hog i o ho ro ì, Fal o, hal dal o hog i o ho ro ì, Hithill ù, hillinn o, agus ho, ho ro hì, Cha mhòr nach coma leam cogadh no sìth. Tha mi ’n so bho chionn tamuil, ’s mi ’n Lathurna fuar, ’S cha choinnich mi caraid ’ni labhairt rium suairc’, ’S tha mo dhùil ri dol thairis gach là agus uair Do Mhuile nam beannan, ’s nan gleannanaibh uain’. Fal o, etc. Thoir mo shoraidh le dùrachd gu dùthaich mo ghaoil, Far am bitheadh a tathaich na h-aighean ’s na laoigh; Gach lusan a’s flùr ann fo dhriùchd air an raon, ’S bi’dh cnothan a’s ùbhlan a’ lùbadh nan craobh. Fal o, etc. [TD 291] ’S tha daimh a’ chinn-chabraich ann fhathast gu leòir, ’S tha ’m boc anns an doire, ’ni taoghal ’s an t-sròin, ’S na coireachan riabhach mu ’n iadhadh an ceò, Ga ’n ruagadh ’s a mhaduinn, ’s coin sheang air an tòir. Fal o, etc. ’S thig an t-uisge glan, rìoghail, bho chìochan nam beann, Gu mireagach, cuarteagach, luath leis gach gleann; ’S b’e sud an deoch uasal nach bruailleineach leinn, ’S ged dh’ òlamaid fuaran cha tuain’laich ’ur cinn. Fal o, etc. Tha gobhair ’s na creagan, ’s minn bheaga gu leòir, Bidh searaich a’ cleasachd, ’s ri beadradh air lòin, ’S an t-iasg air gach amhainn, a ghlacte le seòl, Le cuileag g’a bhiadhadh, ’s g’a shrianadh le snòid. Fal o, etc. ’S coilich-dhubha ri dùrdail air stùchdan an t-sléibh, Na cearcan ri tùchan gu dlùth aig a sgéith, Eòin bheaga ri òrain, ’s ri crònan mu ’n ghéig, An uiseag ’s an smeòrach, nach ceòlmhor iad fhéin. Fal o, etc. ’S e gog nan eòin ruadha ga ’n gluasad ’s an fhraoch, Gur binn leam an ceòl th’ aig a chòisir ri m’ thaobh, A’s geumnaich nam bò ’dol gu crò beag nan laogh, A’s luinneag nan gruagach air buaile chruidh chaoin. Fal o, etc. ’S moch maduinn chiùin, chéitein, nach spéiseal na th’ ann, A’ chuthag ’s gug-gùg aic, gu sunndach air crann, ’S gach eun ’bha ’n a chrùban ’s an dùbhlach ’s e fann, Air dùsgadh ’s an t-sàmhradh ’s gun cheann dhiubh air chall. Fal o, etc. ’S iomadh àit’ bheil na daoine bu chòir a bhi ann, ’S tha fearann nach saoil sibh fo chaoraich nan Gall; [TD 292] ’S na ’n tilleadh iad fhathast, fior ghaisgich nan lann. Gu ’n rachadh fir Shasuinn ’chur dhachaidh na ’n deann. Fal o, etc. ’S chaidh am féileadh beag, cuachach, deas, uallach, air chùl, ’S gach gìomanach gunna, bha siubhal nan stùc, ’S bho ’n chuir sibh thar sàile na Gàidheil a null, Co a ghleidheas a h-àite do ’n Bhan-righ ’s d’ a crùn. Fal o, etc. ’N uair dh’ éireadh Cloinn Dòmhnuill, ’si ’n dòigh bh’ aca riamh. ’Bhi seasamh na còrach, luchd leònadh nam fiadh, ’Dol an toiseach a chatha, le claidheamh a’s sgiath, ’S gu’n deanadh iad pronnadh mu ’n cromadh a’ ghrian. Fal o, etc. ’S iad bhitheas a’ ruagadh cho luath ris na féidh, Clann ’Illeathain bho ’n Dreòlain, fir cheannsallach, threun, ’S Clann Dughail bho ’n Mhòrair; na Leòdaich iad fhéin, ’S Clann-an-t-Saoir bho thaobh Chruachan, a nuas bho Ghleann Eid. Fal o, etc. Tha saighdeirean sgairteal fo bhrataich Loch-Ial, Cloinn Cham’roin bho Lòchaidh, mar leòghainn gun fhiamh, Bha maith anns a’ chònnspaid ’s nach sòradh dol sìos, ’S e féin air an toiseach gu ’m brosnach, gu gniomh. Fal o, etc. ’N uair dh’ éireadh na Granntaich a nall bho Strath-spé, Clann Choinnich Chinn-tàile, fir làidir ach géill, Chuireadh cùl air an nàmhaid ’s e b’ àbhaist doibh fhéin, ’S a dh’ fhàgas ’s an àraich fuil bhlàth air an fheur. Fal o, etc. ’N uair dh’ éireadh fo ’r brataich, na gaisgich tha cruaidh, Bho Shléibhte nam bradan ’s bho Ghàrraidh mu thuath, ’S a chuireas le carraid an latha le buaidh, ’S a sheasas an làrach ’n uair air càch bhiodh an ruaig. Fal o, etc. [TD 293] ’TOIRT M’ AGHAIDH RI DIURA. SEISD.— O hùiribh, ì hùiribh, O hùiribh o gheallaidh, Bheir mi ho na ho éille, ’S e bhi réidh riut bu mhaith leam. ’Toirt m’ aghaidh ri Diùra, ’S mo chùl ri Port-Ascaig, Shil gu frasach mo shùilean, ’S gun mo dhùil ri tigh’n dachaidh. O hùiribh, etc. ’N uair a chuir iad air bòrd thu Air long mhòr nan trì-chrannaibh, ’S iomadh té bha gu tùrsach, ’S deòir a’ sruthadh gu talamh. O hùiribh, etc. Cha chreidinn a chàch e, Gu ’n robh thu ’fàgail a’ bhaile, Gus an robh na siùil bhàna Ga ’n càradh ri crannaibh. O hùiribh, etc. Latha Nollaig am màireach, ’Cur nam bàir leis na camain, Cia mar sheasas mi chòmhail ’S gun an t-òigeir aig baile? O hùiribh, etc. Bu tu leannan nan gruagach. ’S tu uasal a’s maiseach, Gruaidhean meachair mar mhaighdean, Sùil an t-saighdear fo d’ mhalaidh. O hùiribh, etc. [TD 294] Tha thu foghainteach, làidir, ’S tha thu tàbhachdach, smearail, ’Dol an éideadh a’ Ghaidheil, Air an tràigh bu tu ’m meangan. O hùiribh, etc. Tha thu ’chinneadh mo mhàthair, Fhir nam blàth-shùilean meallach, Clann ’Illeathain o’n Dreòlain, Dream òg an àm tarruing. O hùiribh, etc. Gaol peathar, gaol bràthar, Gaol màthar a’s athar, An gaol a thug mi cha tréig mi, Gus an téid mi ’s an anart. O hùiribh, etc. CUMHA MHIC-LEOID. LE BAINTIGHEARNA D’OYLY. Tha dùthaich MhicLeòid fo bhròn ’s fo mhulad, Bho Chuilinn gu Stròm cha chluinnt’ ach tuireadh, Sliochd Ruari Mhòir nam bratach ’s nan sròl, Mo chreach ’s mo leòn nach till iad tuillidh. Cha till, cha till, cha till iad tuillidh, Cha till, cha till, cha till iad tuillidh, Cha till, cha till, cha till Mac Leòid, Mo chreach ’s mo leòn nach till iad tuillidh. Tha cumha ’s caoidh air tìr ’s air linne, Cha chluinnear ceòl no spòrs nan gillean, O, b’ fheàrr bhi ’s an Dùn an dùthaich do rùin, Na d’ chùl ris ’n Dùn gun dùil ri tilleadh. Cha till, etc. [TD 295] O, Thormaid Mhic Leòid tha ’m bròn ga m’ mhilleadh Cha tog mi chaoidh fonn air rann no iorram, Tha do bhuaile gun bhò gun do spréidh air an lòn, Gun bhradan na d’ chrò no do sheòl air linne. Cha till, etc. Tha do chaisteal gun cheò, gun cheòl, gun uidheam, Gun sunnd air bòrd, no òl na dibhe, Gun sòlas tha ’n Dùn gun bhratach tha ’n Tùr, ’S bean òg do rùn ’s a sùil ri sileadh. Cha till, etc. Clann altruim mo ghràidh, luchd a’ ghàire ’s a’ mhire, Do ’m b’ eutrom leum ’ur ceum air glinne, Leam a b’àluinn an cinn, ’s an casan beag, grinn, ’S am billibh bha binn nach cluinn mi tuillidh Cha till, etc. Tha do mhàthair fo éislein, deurach, duilich, Do chinneadh gu léir fo éigin buileach, ’S piuthair do luaidh gun chadal gun suain, ’S an fhuaim ’n a cluais nach till thu tuillidh. Cha till, etc. Thug iad “Tormaid gun dad” ort, ’n uair bhaist iad ’s an Dùn thu, Gu’n leanadh an t-ainm riut, O, ’s beag bha mi’n dùil ris, B’e sin manadh na truaighe chuir seachad gach buaidh ort, ’S a ghreas ort an uair nach till thu tuillidh. Cha till, etc. Mo thruaighe air sìol Leòid! tha ’m bròn orr’ uile, Cha chluinnt’ “seid suas”, air bruaich no tullaich, Sìol Thorcuill na gréine, ’s an ceannard ga ’n tréigsinn, Sìol Thormaid an déigh sin, ’s nach till iad tuillidh. Cha till, etc. [TD 296] ORAN-MOLAIDH DO CHOMUNN GAIDHEALACH BHAILE THORONTO. LE EÒBHAN MAC-COLLA. Ciad fàilt’ air a Chomunn an dé a rinn coinneamh Gu dùthchas a’s duinealas ’chumail a suas— Seann-dhùthchas nan Gàidheal, an cliù a’s an cànain— A chainnt sin a thàinig bho Adh’mh dhuinn a nuas; Mar sud anns an éideadh, air sràid no air sléibhte. Tha uallach, deas, eatrom—grinn, greadhnach an snuadh. Sar-chomunn mo chridhe! Cha’n ioghnadh ged bhithinn An so, mar is dligheach, a’ guidhe dhuibh buaidh. B’e ’m beud e, da rireadh, na’n deanamh sibh dìchuimhn’ Air Ceòlraidh ’ur dùthcha—fior dhùthaich nam Bàrd Bho mhac rìgh na Féinne gu Donnacha Bàn geur-bhinn, Co’n tìr sin fo’n ghréin air a h-aosdain bheir bàrr? Co’n neach leis nach sòlas bhi’n cuideachd luchd òrain? Deagh iomradh ’nan còmhradh mo stòr agus m’ àgh; Bibh sibh-se nis dìleas do chleachduinn co rìoghail, ’S a chaoidh cha téid dìth air cainnt ghrinn nam beann àrd. Cha ’n eòl domh toil-inntinn is mò na bhi ’cluinntinn Pìob mhòr nan dos cnaimh-gheal is fonnmhoire fuaim; ’Nuair théid i gu còmhradh air faiche no’n seòmar, B’e ’n ceòl thar gach ceòl leam a torman ’nam chluais. ’N àm lannan a rusgadh, ’s na h-àrmuin do ’n rùn i Air nàimhdean a’ brùchdadh le gnùisean gun ghruaim, Suas “Gillean an Fheile” air pìoban deagh-ghleusach, ’S cha duilich a’ leughadh cò ’n taobh a’ gheibh buaidh! ’S iad cleachduinn nach measa gu neartachadh chriosa, Bhi ’tilgeadh a’ Chabair ’s a’ cur na Cloich-neirt; ’Se sid a rinn làidir ar n-athraichean tà’chdach,— Mo thruaigh iad thig ceàrr orr a’s stàilinn nan glaic! [TD 297] Am fear leis an suarach bhi ’g altrum no luaidh air Gach lùth-chleas grinn, uasal ta ’n uair so ’n ur beachd, Cha deanainn a chàineadh, ged ’s cinnteach a ta mi Gur siochaire grànnd’ e de dh-àl air bheag tlachd. Ged ’s mithich nis dhomh-sa ’bhi criochnachadh m’ òran, Tha tuille gu leòir a bu mhiann leam a ràdh Mu dhéighinn na tìr sin tha daonnan air m’ inntinn— Seann-Albainn do-chìosnaicht’, do ’n fhìrinn thug gràdh. Ciad soraidh thar chuan bhuam g’a h-ionnsuidh! Mo chruadal, Bhi ’n so, mar eun-fuadain, fad’ uaip,—ach ged tha, Mu ’n téid ás mo smuainte tìr àluinn nan cruach-bheann Bithidh ’n cridhe so fuar anns an luaithre a’ cnàmh! AN GILLE DONN. SEISD.— ’S mise tha fo mhì-ghean, Mu ’n ghille dhonn, Oigear nan rosg mìogach, Dh’ fhàg m’ inntinn trom, ’S mise tha fo mhì-ghean Mu ’n ghille dhonn. ’S mise th’ air mo sgaradh, Bho thoiseach an earraich, Dhealaich uam mo leannan Maraiche nan tonn. ’S mise, etc. Thug mi gaol a chràidh mi Do sgiobair a’ bhàta, Gheibhinn cadal sàmhach Leat air bhàrr nan tonn. ’S mise, etc. [TD 298] ’S e’n gaol a thug mi òg dhuit, An diugh a tha ga m’ leònadh, A chaoidh cha dìobair m’ fheòil thu, Fhad ’s is beò mo chom. ’S mise, etc. Oir tha mòran bhuaidhean Air mo rùn ’s ma luaidh-se Bu tu làmh a’ chruadail, Mòran uails’ a’ d’ chom, ’S mise, etc. ’S e bhi ort a’ bruidhinn, An nochd a tha gu m’ ruigheachd, Oigear, a Chloinn Iain, ’Dh’ fhàg mo chridhe trom. ’S mise, etc. ’S maraich’ thu gu seòladh, Cho mhath ’s a ghlac ròpa, Sealgair thu air mòintich, ’S leònadh tu ’n damh-donn. ’S mise, etc. ’N uair thigeadh tu dhachaidh, ’S do ghunn’ ann a d’ achlais, Sealgair geòidh a’s eal’ thu, ’S a’ chearc riabh’ch air fonn. ’S mise, etc. ’Dol ’stigh an Caol Cannach Shéid e oirbh gu frasach, Thàinig fairge tharsuinn, ’S bhuail e thu gu trom. ’S mise, etc. [TD 299] Thàinig air do chùl-thaobh, Na chuir anns a’ ghrunnd thu, ’S e dh’ fhàg mise tursach, Mu rùn bhi ’tàmh fo ’n tonn. ’S mise, etc. ORAN. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN, NACH MAIREANN AIR FONN:—“A nochd gur faoin mo chadal domh.” ’S uain’ an fhòid fo’n d’ adhlaic iad An ainnir chaomh ’s an ùir, Le sòbhraichean, ’s le neòineinean, Am measg nam feòirnein dlùth; Ach spiolam nuas an fheanntag so, Cho coimheach, feanntaidh, gnù,— Cha shamhladh air an ainnir thu, ’G an robh an aigne chiùin. Cha shamhladh air an ainnir thu ’G an robh an aigne chiùin,— Nach deanadh lochd, ’s nach tugadh beum, Nach nochdadh eud no tnù; Bha seirc, a’s gràdh, a’s bàighealachd Gu h-àillidh ann a’ d’ ghnùis. Cò ’chunnaic thu gun ghaol ’thoirt duit? Cò ’bhruidhneadh ort gun chliù? ’S trom an diugh mo smaointinean, A’ cuimhneachadh aig d’ uaigh, Am feasgar ciùin a dhealaich sinn Le beannachdan ’g an luaidh; [TD 300] Cha robh lochd ’n ar conaltradh, No brosgal, cleith, no cluain; Ach seirc, a’s gràdh, le ceanalas, A’s carantachd le stuaim. Bu gheàrr an ùin’ ’n a dhéigh sin ’N uair thàinig sgeul a’ bhròin, Nach fhaiceamaid ri’r maireann thu Air thalamh anns an fheòil; Tha do chré ’s an duslach,— Tha mis’ an so gun treòir, ’Am dhuine tuisleach, euslainteach, ’Am sheasamh crom aig d’ fhòid. ’Am sheasamh crom a’ dearcadh Air na leachdan ’tha mu’n cuairt, Le m’ chiabhan liath air tanachadh, ’S a’ ghaillionn air mo shnuadh; Tha ’n Aois a’ teachd am fagus dhomh, A’ bagradh orm gu truagh, Le mìle gaoid a’s anshocair, ’G am theannadh ris an uaigh. Chi mi thar a’ mhonaidh ud Air coimhead os mo chionn, An duibhre air na mullaichean, ’S an rionnag a’ tighinn dlùth; Tha dealt na h-oidhch’ a’ tearnadh orm,— Cha léir dhomh nis, fo m’ shùil, Cho uain’ ’s tha ’n fhòd fo ’n d’ adhlaiceadh An ainnir chaomh ’s an ùir. [TD 301] CASAG AN EISG. LE DONNACHADH NAM BLAR. SEISD.— Ho rì ill ho ro bha, Ho rì ill ho ré, Ho rì ill, hao rì ill, O hi rì ill ho ré. Ach a Mhurchaidh òig thàilleir, Gu ma slàn bhios tu fhéin, Rinn thu m’ aodach a chàradh ’S gheibh thu pàigheadh da réir. Ho rì ill, etc. Rinn thu m’ aodach a chàradh ’S gheibh thu pàigheadh da réir, Chuir thu pòca fo ’n achlais, Air casag an éisg. Ho rì ill, etc. Chuir thu pòca, etc., ’S math i ’dhìreadh a’ mhunaidh, ’S mo ghunna fo m’ sgéith. Ho rì ill, etc. ’S math i ’dhìreadh, etc. Ged a shileadh an t-uisge, Cha fhliuchadh e ’n gleus. Ho rì ill, etc. Ged a shileadh, etc., Cha bu mhios’ i air astar, Gu faiche nan ceud. Ho rì ill, etc. Cha bu mhios’ i etc., An Dunéideann ’s an Glaschu, Righ gu m’ b’ fhaicheil’ mo cheum. Ho rì ill, etc. [TD 302] An Dunéideann, etc., Bha na h-uaislean a b’ àirde, ’S bu stàiteile beus. Ho rì ill, etc. Bha na h-uaislean, etc., Tigh’nn a thogail a phàtrein, Air an t-sràid as mo dhéigh. Ho rì ill, etc. Tigh’nn a thogail, etc., ’S iad a’ feòraich co ’n tàilleir, Nach robh fàillinn ’n a bheum. Ho rì ill, etc. ’S iad a’ feòraich, etc., ’S iad a’ feòraich co ’n t-àite As an d’ thàinig mi féin. Ho rì ill, etc. ’S iad a’ feòraich, etc., Thàinig mise ás an eilein Far an leagte na féidh. Ho rì ill, etc. Thàinig mise, etc., Thàinig mise air thurus, Mach á Muile nan geug. Ho rì ill, etc. Thàinig mise air thurus, Mach á Muile nan geug, Bho theaglach Loch-buidhe, ’S thug sud urram dhomh féin. Ho rì ill, etc. [TD 303] CUMHA BRATHAR. SEISD.— E horin ò ho e ho, Hao ri ill ag o, Hugan ò ho la ill o, Agus hao ri ri o. Ach a Mhurchaidh ’ic Leòid, An Rìgh mòr ga d’ bheannachadh, Leam is aithghearr an sgeul, ’Thug thu ’n dé do ’n bhaile so. E horin, etc. Leam is aithghearr an sgeul ’Thug thu ’n dé do ’n bhaile so, Tha mo bhràthair deas ùr. Air do chùl gun charachadh. E horin, etc. Tha mo bhràthair deas ùr, Air do chùl gun charachadh, Ann an ciste nam bòrd Fo shròin nan geannairean. E horin, etc. Ann an ciste nam bòrd Fo shròin nan geannairean, Ann an ciste ’chinn chaoil, ’S na saoir g’ a teannachadh. E horin, etc. Ann an ciste ’chinn chaoil, ’S na saoir g’ a teannachadh, Ann an léine chaoil, fhuair, ’S i gun fhuaigheal bhannan oirr’, E horin, etc. [TD 304] Ann an léine chaoil fhuair ’S i gun fhuaigheal bhannan oirr’! ’S daor a cheannaich mi ’chàisg, Loisg a’s chràidh an t-earrach mi, E horin, etc. ’S daor a cheannaich mi chàisg, Loisg a’s chràidh an t-earrach mi Chaill mi snàmhaiche ’chaoil, Nach glaodhadh na h-aiseigean. E horin, etc. Chaill mi snàmhaiche chaoil, Nach glaodhadh na h-aiseigean, Agus marbhaiche ’n éisg, ’S an fhéidh air na bealaichean. E horin, etc. Agus marbhaiche ’n éisg, ’S an fhéidh air na bealaichean, ’Choilich dhuibh air a ghéig, ’Bu bhinn gleus ’s a’ chamhanaich. E horin, etc. ’Choillich dhuibh air a ghéig, ’Bu bhinn gleus ’s a’ chamhanaich, ’S air lach a’ chinn ghuirm, Cha bhiodh t-urchair mearachdach. E horin, etc. GU ’N TOGAINN FONN GU H-AIGHEARACH. LE AILEIN DUGHLACH. SEISD.— Irinn àrinn u horo, Irinn àrinn u horo, Irinn àrinn u horo, Gu’n togainn fonn gu h-aighearach. [TD 305] Turus dhòmh-sa mach air chuairt, Thachair mi air Gleann-a-cuaich, An làmh a dhìoladh dhomh duais, ’S bho ’n d’ fhuair mi rud an latha sin, Irinn àrinn, etc. Gur tu ceann-uidhe nam bàrd, Nam filidhean ’s nan luchd-dàn, ’S ’n uair a shìneadh tu do làmh, Cha b’ fhàillineach dhoibh crathadh dhi, Irinn àrinn, etc. Ceist nam ban bho thìr nam bò, Bho Shrath-chluainidh gorm an fheòir, Far an d’fhuair thu t-àrach òg, ’S chunnta mòran aighean dhuit. Irinn àrinn, etc. ’S lionmhor maighdean bhanail, chiùin, ’S caoile maladh, ’s guirme sùil, ’S deirge gruaidh, ’s a’s gile gnùis, Nach diùltadh dol a’ d’ rathad-sa. Irinn àrinn, etc. Gìomanach air chùl an fhéidh, ’S tric a leag thu iad ’s a’ bheinn, Le d’ ghunna glaichd air dheagh-ghleus, A tholladh béin gun amharus. Irinn àrinn, etc. ’S tric a leag thu màthair laoigh, ’S a’ choire ghorm air a taobh, A’s eilid-bhinneach nan cas caol, ’S coileach-fraoich ’s a chamhanaich. Irinn àrinn, etc. [TD 306] Leat bu mhiann bhi ’m beinn a cheò, ’G iarraidh fàth air fear na cròic, Air do shùil cha laidheadh sgleò, ’S tu seòlta ’dol a dh’ amharc ris. Irinn àrinn, etc. Moch ’s a’ mhadainn air an tòir, B’e do roghainn thar gach ceòl, ’Bhi ’g éisdeachd nan làn-damh mòr, Aig Fillein-ròid ’s an langanaich. Irinn àrinn, etc. Nàmhaid na h-eala ’s a gheòidh, ’S na lacha ’liudheas air an lòn, Le gunna caol nach diùlt ri h-òrd, ’S a leònadh anns an athar iad. Irinn àrinn, etc. Greas an t-shearag sin a nuas, ’S cuir gu h-ealamh i mu ’n cuairt, Deoch-slàint’ fir Ghlinne-cuaich, ’S gun éireadh buaidh ’s gach latha leis. Irinn àrinn, etc. Am fear nach òl i gun cheilg, Gabhaidh sinn ris uile fearg, Togaidh sinn an t-sabaid gharg, Le bata garbh a gabhail air. Irinn àrinn, etc. Gluaiseadh e bho cheann a’ bhùird, Fuadaichear e ás ar cùirt, Cha dòcha leinn e na ’n cù, ’S e bhrùid am fear nach gabhadh i. Irinn àrinn, etc. [TD 307] FIOS THUN A’ BHAIRD, NA ORAN BEAN DHONNACHAIDH.* LE UILLEAM MAC DHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH. AIR FONN.—“When the kye comes hame.” [It may be interesting to the readers of the “Oranaiche” to know the occasion of this Song, the origin of the chorus “Fios thun a’ Bhàird,” and the name “Oran Bean Dhonnachaidh.” It was as follows:—The Bard expressed a great desire to have a piece of home-made “Islay Cloth” to make a kilt or jacket of; Mr. R. Blair, now minister of St. Columba Church, Glasgow, sent the Bard a web of grey home-made cloth, got from his mother for this purpose, with the following address upon it, “Fios thun a’ Bhaird Ilich, o Bhean Dhonnachaidh.” In return for this William Livingstone sent the following song, hence the name and Chorus.] Tha ’mhaduinn soilleir grianach, ’S a’ ghaoth ’n iar a’ ruith gu réidh, Tha’n linne sleamhuinn sìochail, O na chiùinich strì nan speur. Tha’n long na h-éideadh sgìamhach, ’S cha chuir sgìos i dh’ iarraidh tàmh, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, A’ toirt an fhios so thun a’ Bhàird. Thoir am fios so thun a’ Bhàird, Thoir am fios so thun a’ Bhàird, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. So crùnadh mais’ a mhìos’, ’S an téid do’n dìthreadh† treudan bhò, Do ghlinn nan lagan uaigneach, Anns nach cuir ’s nach buainear pòr, * The worthy woman here represented is Mrs. Blair, lately in the farm of Lonbàn, near Bowmore, Islay. † Aite fàsail. [TD 308] Leab-ìnnse buar nan geum, Cha robh mo roinn diubh’n dé le càch* Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Tha mìltean spréid air faichean, ’S caoirich gheal air creachain fhraoich, ’S na féidh air stùcan fàsail, Far nach truaillear làr na gaoith, An sìolach fiadhaich neartmhor, Fliuch le dealt na h-oiteig thlàth, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Tha’n còmhnard ’s coirean garbhlaich, Còrs’ na fairg’ ’s gach gràinnseach réidh, Le buaidhean blàthas na h-iarmailt, Mar a dh’ iarramaid gu léir, Tha’n t-seamair fhiadhain ’s neòinein, Air na lòintean feòir fo’m blàth, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Na caochain fhìor-uisg’ luath, A’ tighinn a nuas o chùl nam màm, Bho lochain ghlan gun ruadhan, Air na cruachan fad’ o’n tràigh, Far an òl am fiadh a phailteas, ’S bòidheach ealtan lach ’g’an snàmh, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Tha Bogha-mòr an t-sàile, Mar a bha le reachd bith-bhuan, A’ mòrachd maise nàduir, ’S a’ cheann-àrd ri tuinn a’ chuain, * Mr. Blair resigned his farm at Martinmas, 1863. [TD 309] A riombal geal seachd mìle, Gainmhean sìobt’ o bheul an làin, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Na dùilean* stéidh na cruithneachd, Blàth’s ’us sruithean ’s anail neul, Ag altrom lusan ùrail, Air an luidh an driùchd gu séimh, ’Nuair a thuiteas sgàil na h-oidhche, Mar gu’m b’ann a’ caoidh na bha, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Ged a roinneas gathan gréine, Tlus nan speur ri blàth nan lòn, ’S ged a chithear spréidh air àiridh, A’s buailtean làn de dh-àlach bhò, Tha ILE ’n diugh gun daoine, Chuir a chaor’ a bailtean fàs, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Ged ’thig ànrach aineoil, Gus a’ chala, ’s e ’s a’ cheò, Cha’n fhaic e soills’ o ’n chagailt, Air a’ chladach so ni ’s mò, Chuir gamhlas Ghall air fuadach, Na tha bhuainn ’s nach till gu bràth, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Ged a thogar feachd na h-Alb’, Is cliùiteach ainm air faich’ an àir, Bithidh brathach fhraoich nan Ileach, Gun dol sìos ’ga dìon le càch, * Elements. [TD 310] Sgap mì-run iad thar fairge, ’S gun ach ainmh’ean balbh ’na ’n àit, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Tha tighean seilbh na dh’fhàg sinn, Feadh an fhuinn ’na’n càrnan fuar, Dh’fhalbh ’s cha till na Gàidheil, Stad an t-àiteach, cur a’s buain, Tha stéidh nan làrach tìamhaidh, A’ toirt fìanais air ’s ag ràdh, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Leig am fios so thun a’ Bhàird. Cha chluinnear luinneag òighean, Seisd nan òran air a’ chléith, ’S cha’n fhaicear seòid mar a b’ abhaist, A’ cuir bàir air faiche réidh, Thug ainneart fògraidh uainn iad, ’S leis na coimhich buaidh mar ’s àill, Leis na fhuair ’s na chunnaic mise, Biodh am fios so aig a’ Bhàrd. Cha’n fhaigh an déirceach fasgadh, Na’m fear astair fois o’ sgìos, Na soisgeulach luchd éisdeachd, Bhuadhich eucoir, Goill a’s cìs, Tha ’n nathair bhreac ’na lùban Air na h-ùrlair far an d’fhàs, Na fir mhór a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Lomadh ceàrn na h-Oa, An Landaidh bhòidheach ’s Roinn Mhic Aoidh, Tha’n Learga ghlacach ghrianach, ’S fuigheal cianail air a taobh, [TD 311] Tha’n gleann ’na fhiathair uaine, Aig luchd fuath gun tuath, gun bhàrr, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. MO NIGHEAN MHALDA. SEISD.— Mo nigh’n mhàlda o hao, Bean nam blàth shùl is bòi’ch’, Thug mi gràdh dhuit o hao, ’S leat-sa lùb mi gu mòr. Thug mi gean duit agus rùn, ’S chuir mi ùigh ann a’ d’ dhòigh, ’S mar am buanaichd mi thu Théid mo shùgradh gu bròn. Mo nigh’n, etc. ’S mòr a thug mi dhuit do spéis, Thagh mi fhéin thu glé òg, ’S ma gheibh fear eil’ thu am dhéigh, Cha ’n ’eil feum dhomh bhi beò. Mo nigh’n, etc. ’S ann ort féin tha ’n cùl àigh, Air a chàradh air dòigh, ’S e gu clannach, lùbach, tlàth, ’S gur tu ’mhàldag dh’ fhàs còir. Mo nigh’n, etc. Meanglan ùr thu do ’n chaoill, Geug le loinn o ’n phreas òg; Cridhe fìrinneach, caoimhneil, Gun fhoill do neach beò. Mo nigh’n, etc. [TD 312] Slat chaol, dhìreach, thu nach lùb Ann an dùbhlachd an reòit, Meanglan fallain is glan rùsg, ’S tu mo fhlùr a’ measg ròs. Mo nigh’n, etc. Dà shùil chorrach fo d’ rosg chaoin, Malladh chaol, air bheag spòrs, ’S millse leam na subh-craobh D’ anail chaoin tigh’n am chòir. Mo nigh’n, etc. Cas is deis’ a théid roimh ruidhl’, Aghaidh shìobhalt’ gun phròis, Malladh chaoil ’s i gun ghruaim, ’S cha ’n ’eil fuaighte riut spòrs. Mo nigh’n, etc. Cas is deise sheas air grunnd, Nach cuir cùb air do bhròig, Le d’ phears’ éibhinn, deas, ùr, ’S gur tu flùr nam bean òg. Mo nigh’n, etc. ’N uair a théid thu ’n tigh-dhanns’ Gur tu m’ annsachd le d’ shròl, Ribinn grinn, currachd àrd, Agus fàinn’ air do mheòir. Mo nigh’n, etc. ’S ged a chluinneas mi cruit-chùil, O, cha dùisg mi ri ceòl, ’S guth mo ghaoil mar uiseag ghrinn ’Seinn gu binn anns na neòil. Mo nigh’n, etc. [TD 313] A CHOILLE GHRUAMACH; ORAN DO DH’ AMERICA. LEIS A’ BHARD MACGILLEATHAIN. [Cha robh am Bàrd ach air ùr dhol do ’n dùthaich ’n uair a rinn e ’n t-òran so. Tha e soilleir nach robh e gle thoilichte ’n a inntinn.] AIR FONN—“Coire Cheathaich.” Gu bheil mi ’m onrachd ’s a’ choille ghruamaich, Mo smaointinn luaineach, cha tog mi fonn; Fhuair mi ’n t-àite so ’n aghaidh nàduir, Gu ’n thréig gach tàlanta ’bha ’n am cheann; Cha dean mi òran a chur air dòigh ann, ’N uair’ ni mi tòiseachadh bidh mi trom; Chaill mi ’Ghàidhlig seach mar a b’àbhaist dhomh ’N uair a bha mi ’s an dùthaich thall. Cha ’n fhaigh mi m’ inntinn leam ann an òrdugh Ged bha mi eòlach air deanadh rann: ’S e ’mheudaich bròn dhomh ’s a lughdaich sòlas Gun duine còmhl’ rium a ni rium cainnt. Gach latha ’s oidhche ’s gach car a ni mi Gu ’m bi mi cuimhneachadh anns gach àm An tìr a dh’ fhàg mi ’bha ’n taic an t-sàile, Ged tha mi ’n dràsd ann am bràighe ghleann. Cha ’n ioghnadh dhomh-sa ged tha mi brònach, ’S ann tha mo chòmhnuidh air cùl nam beann, Am meadhon fàsaich air abhainn Bhàrnaibh Gun dad is feàrr na buntàta lom. Mu ’n dean mi àiteach ’s mu ’n tog mi bàrr ann ’S a choille ghàbhaidh ’chur ás a bonn Le neart mo ghàirdein, gu ’m bi mi sàraicht’ A’s treis air fàilinn mu ’m fàs a chlann. [TD 314] ’S i so an dùthaich ’s a bheil an cruadal Gun fhios do ’n t-sluagh a tha tigh’nn a nall: Gur h’olc a fhuaras oirnn luchd a bhuairidh A rinn le ’n tuairisgeul ar toirt ann. Ma ni iad buannachd cha mhair i buan dhaibh, Cha dean i suas iad, ’s cha ’n ioghnadh leam, ’S gach mallachd truaghan a bhios g’ an ruagadh Bho ’n chaidh am fuadach a chur fo ’n ceann. Bidh gealladh làidir g’a thoirt an tràth sin, Bidh cliù an àite g’a chur am meud, Bidh iad ag ràtuinn gu bheil ’ur càirdean Gu sona, saibhir gun dad de dh’ éis; Gach naigheachd mheallta g’a toirt gu ’r n-ionnsuidh, Feuch an sanntaich sibh dol ’n an déigh: Ma thig sibh sàbhailt’ ’n uair chi sibh iadsan, Cha ’n fheàrr na stàtachan na sibh fhéin. ’N uair ’théid na dròbhairean sin g’ ar n-iarraidh ’S an leis na briagan a ni iad feum: Gun fhacal fìrinn a bhi g ’a innseadh ’S an cridhe dìteadh na their am beul; Ri cur am fiachaibh gu bheil ’s an tìr so Gach ni is prìseile ’tha fo ’n ghréin; ’N uair thig sibh innte gur beag a chì sibh Ach coille dhìreach ’toirt dhibh an speur. ’N uair thig an geamhradh a’s àm na dùbhlachd, Bidh sneachda ’dlùthadh ri cùl nan geug; ’S gu domhain dùmhail ’dol thar na glùine, Ge maith an triùbhsair cha dean i feum Gun stocaidh dhùbhailt’ ’s a mhocais chlùdaich Bhios air a dùnadh gu dlùth le éill; B’ e’m fasan ùr dhuinn a cosd le ’fionntach Mar chaidh a rùsgadh de ’n bhrùid an dé, [TD 315] Mur bi mi eòlach air son mo chòmhdach Gu’m faigh mi reòta mo shròn ’s mo bheul; Le gaoth á tuath a bhios neamhail fuaraidh ’S gu’m bi mo chluasan an cunnart geur. Tha ’n reothadh fuath’sach, cha seas an tuagh ris Gu’m mill e chruaidh ged a bha i geur: Mur toir mi blàths di gu ’m brist an stàilinn, ’S gun dol do ’n cheàrdaich cha gheàrr i beum. ’N uair ’thig an samhradh ’s a’ miosa céitean Bidh teas na gréine gu’m fhàgail fann; Gu ’n cuir i spéirid ’s a’ h-uile creutair A bhios fo éislean air feadh nan toll; Na maithein bhéisdeil gu ’n dean iad éiridh ’Dhol feadh an treud ’s gur-a mòr an call; ’S bidh ’chuileag ìnneach gu socach, puinseant’, Ga m’ lot gu lionmhor le roinn a lann. Gu ’n dean i m’ aodann gu h-olc a chaobadh, Cha ’n fhaic mi ’n saoghal ’s ann bhios mi dall; Gu ’n at mo shùilean le neart a cungaidh, Ro-ghuineach drùidhteach tha sùgh a teang’. Cha ’n fhaigh mi àireamh dhuibh ann an dànachd Gach beathach gràineil a thogas ceann, ’S cho liugha plàigh againn ’s bh’ air righ Phàraoh Air son nan tràillean ’n uair ’bhàth e ’n camp’. Gur h-iomadh caochladh ’tigh’nn air an t-saoghal ’S ro-bheag a shaoil mi ’n uair bha mi thall; Bu bheachd dhomh ’n uair sin mu ’n d’ rinn mi gluasad Gu ’m fàsainn uasal ’n uair thiginn ’nall. An car a fhuair mi cha b’ ann gu m’ bhuannachd Tigh’nn thar a’ chuain air a chuairt ’bha meallt’ Gu tìr nan craobh anns nach ’eil an t-saorsainn, Gun mhart, gun chaora, ’s mi dh’ aodach gann. [TD 316] Gur h-iomadh ceum anns am bi mi ’n déis-laimh Mu ’n dean mi saibhir mo theachd an tìr; Bidh m’ obair éig’neach mu’n toir mi feum aisd’ ’S mu ’n dean mi réiteach air son a’ chroinn. ’Cur sguinn an teinntein air muin a chéile Gu ’n d’ lasaich féithean a bha na ’m dhruim, ’S a h-uile ball dhiom dubh, salach, sealltainn, Bidh mi ga m’ shamhlachadh ris an t-sùith. Ge mòr an seanachas a bh’ aca ’n Albainn Tha ’chùis a dearbhadh nach robh e fior; Na dollair ghorma cha ’n fhaic mi ’falbh iad Ged ’bha iad ainmeil a bhi ’s an tìr. Ma nitear bargain cha ’n fhaighear airgiod, Ach ’s éiginn ainmeachadh anns a’ phrìs; Ma gheibhear cùnnradh air feadh nam bùithean Gu ’m pàighear ’null e le flùr no im. Cha ’n fhaic mi margadh no latha féille No iomainn feudalach ann an drobh No nì ’ni feum dhuinn am measg a chéile; Tha ’n sluagh ’n an éiginn ’s a’ h-uile dòigh. Cha chullaidh fharmaid iad leis an ainbheach, A reic na shealbhaicheas iad an còir. Bidh fear na fiachan a’s cromadh cinn air G’a chud do ’n phrìosan mur dìol e ’n stòr. Mu ’n tig na cùisean á tigh na cùrtach Gu ’n téid an dùblachadh aig a’ mhòd; Tha ’n lagh a’ giùlan o laimh na jury Gu ’n téid an spùinneadh ’s nach fiù an còrr, Bidh earraid* siùbhlach air feadh na dùthcha G’ an ruith, le cùnntasaibh air an tòir; Gur mòr mo choùram gu ’n tig e ’m ionnsaidh, Cha ghabh e diùltadh ’s bidh diùbhail òirnn’. * Earraid, a Constable. [TD 317] Cha ’n fhaigh mi innse dhuibh anns an dàn so, Cha dean mo nàdur a chur air dòigh Gach fios a b’ àill leam ’thoirt do na càirdean ’S an tìr a dh’ fhàg mi, ’rinn m’ àrach òg. Gach aon a leughas e tuigibh reusan, ’S na tugaibh éisdeachd do luchd a’ bhòsd; Na fàidhean bréige a bhios g’ ur teumadh, Gun aca ’spéis dhibh ach déigh ’ur n-òir. Ged bhithinn dìchiollach ann an sgrìobhadh Gu ’n gabhainn mìosa ris agus còrr Mu ’n cuirinn crìoch air na bheil air m’ inntinn ’S mu ’n tugainn dhuibh e le cainnt mo bheòil. Tha mulad dìomhair an déigh mo lìonadh Bho ’n ’s éiginn strìochdadh an so ri m’ bheò, Air bheag thoilinntinn ’s a choille chruinn so Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl. Cha b’ e sin m’ àbhaist an tùs mo làithean, ’S ann bhithinn ràbhartach aig gach bòrd; Gu cridheil, sunndach, an comunn cùirteil A’ ruith ar n-ùine gun chùram oirnn. ’N uair thug mi cùl ruibh bha mi g’ ar n-ionndrainn, Gu ’n shil mo shùilean gu dlùth le deòir, Air moch diar-daoin a’ dol seach an caolas, ’S an long fo ’h-aodach ’s a ghaoth o ’n chòrs’. MO NIGHEAN DONN. SEISD.— Their mi hó, robha hó, ’S mithich dhuinn éirigh, Mo nigh’n donn. [TD 318] ’S mithich dhòmh-sa dol dachaidh, Tha mi fad’ air mo chéilidh, Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. Bheir mi m’ aghaidh air Muile, Ged is duilich dhomh fhéin e, Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. ’S mòr gruaman na h-iarmailt, ’S gaoth an iar a’ cruaidh shéideadh; Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. Tha na tonnan ’s a’ ghàraich, ’Tigh’nn gu tràigh le greann éitidh, Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. Tha na cithean trom sneachda ’Dall-ghleachd anns na speuraibh, Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. Tha na h-uillt le dearg-rànaich ’Sguabadh sgàrnaich nan sléibhtean, Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. Tha na craobhan mòr, miarach, As am friamhaich ’g an reubadh, Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. Tha eòin bhùchain nan cluaintean, Leis an uamhas ’g an léireadh, Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. [TD 319] ’S eòin bheaga na coille, Gob, ’s an doire, fo ’n sgéithe, Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. ’S bochd nuallan nan aighean Air na straithean lom, glé-gheal, Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. ’S truagh mise ’n tir Oisein, ’S mi gun soistinn mu m’ eudail, Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. ’S nach comas dol thairis Dh’ fhios a’ bhaile ’m bheil m’ éibhneas, Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. Far an d’ fhàg mi mo leannan, Maighdean chanach na féille! Mo nigh’n donn. Their mi hó, &c. AN GAIDHEAL AIR LEABA-BAIS. LE EANRAIG MACILLEBHAIN, GLASCHU. Fad’ air falbh bho thìr nan àrd-bheann, Tha mi ’m fhògrach an tìr chéin; Am measg choigreach ’s fad’ o m’ chàirdean, Tha mi ’m laidhe so leam féin. Tha mo chridhe briste, brùite, Saighead bàis a nis am chom, An ùine ghearr mo shùil bidh dùinte, ’S aig a’ bhàs mi ’m chadal trom. [TD 320] ’S tric ag éirigh suas am chuimhne, Albainn àillidh, tìr nam beann; Chi mi sud an lèanag uaine,— A’s am bothan anns a’ ghleann. Tha gach nì fo bhlàth gu h-ùraidh, Aig an allt’ tha crònan fann, Air a’ ghaoith tha fàile cùbhraidh ’Tighinn bho fhlùrain nach ’eil gann. ’S ann a sud a fhuair mi m’ àrach; ’S mi neo-lochdach mar na h-uain; Ach ’s lom a dh’fhàgadh nis an làrach, Bho ’n a sheòl mi thar a’ chuain. Thar leam gun cluinn mi guth nan smeòrach ’Seinn gu ceòlar feadh nan crann; ’S òran binn nan uiseag’ bòidheach, Ard ’s na speuran os mo cheann. Chi mi chill aig bun a’ bhruthaich, Taobh an uillt tha ruith gu lùgh’r, ’S tric a bha mi sud gu dubhach, Caoidh nan càirdean tha fo ’n ùir. Mo mhàthair ’s m’ athair tha ’n an sìneadh, ’N cadal sìorruidh anns an uaigh; ’S chaidh mo chopan searbh a lìonadh ’N uair a d’ fhàg mi ’n sin mo luaidh. Nis cha léir dhomh tìr nam àrd-bheann, Air mo shùil tha ceò air fàs; Am measg choigreach ’s fad’ o m’chàirdean, Tha mi feitheamh air a’ bhàs. Thu-sa spioraid bhochd, tha’n daorsa, Ach cha ’n fhada bhios tu ann; Thig, a Bhàis, a’s thoir dhomh saorsa, Beannachd leat, a thìr nam beann. [TD 321] COMHRADH EADAR DUN-BHRUSGRAIG AGUS FEAR-TURAIS. LE IAIN ÒG MAC-CORCADAIL. AIR FONN:—“Gur h-i’n Galuit a bh’aig Rumair.” FEAR TURAIS. A Dhùn-Bhrusgraig nan cas-chreag, Ged bha mi tacan ar falbh uait, Thàinig smaointinn fo m’ aigne Gu tigh’nn a dh’fhaicinn do ghorm-bhrat; ’S gu’n gabhainn sealladh o d’ chùirnean Air gleannan cùbhraidh nan tolman, Far an d’fhuair thu do leaba, A’s Leac-an-daraich mar cholbh dhith, ’S cha’n ’eil i lag. ’S iomadh linn ’chuir thu tharad, A’s garbh char chuir an gnìomh ort,— Cha’n e sin tha air m’aire Ach pàirt do dh’ eachdraidh na linn so: Innis dhomh mu m’ luchd-dùthcha, Ciod an cùrsa ’n do thriall iad? Cha ’n ’eil aon dhiubh ri ’fhaicinn Ris an leiginn mo bhriathran Ged bhithinn lag. Tha mi ’faicinn nam bailtean, ’S an tric ’robh aighear ’s toilinntinn, ’N an làraichean farsuing, Gun fhasgadh no dion annt’; ’N àite gleadhraich nan eachraidh, Nan cairtean ’s nan cliathan, Anns an earrach cha’n fhaic mi Ach cìobair ’s madadh r’a chliathaich ’S na h-uile srath. [TD 322] Tha na h-innisean maiseach ’S an tric a thaigheil mi ’m òige— Na lagain ’tha fasgach Le fuarain ’s biolair ’n am pòran; Gach gleann, cnoc, agus cas-shruth, Gach srath agus mòinteach— Tha iad uile mar bha iad, Ach ca’ bheil càirdean a’s eòlaich A chaidh ’chur ás? AN DUN A’ FREAGAIRT. Ma ’s e Gall a tha ’labhairt Gabh mo chomhairle tràthail, Cuir car ann a’ d’ chasaig, ’S thoir ort sìos thun na tràthadh: Ged tha sibh làidir ’san tìr so ’S air ur lìonadh le àrdan, Cha dean sibh amadan diomsa Le cur a sìos air na Gàidheil Nach d’ rinn dhuibh cron. FEAR-TURAIS. A Dhùn aosda nan glas-chreag, ’S ann a th’annam fior Ghàidheal, A dh’ fhàg an tìr bho cheann tamuill ’S tha ’measg nan Gallaibh a chòmhnuidh; A’s thug mi ’n sgriob so a t’ amharc, Gun fhanaid no mòr-chuis, Dh’ fheuch am faighinn uait sgeula Mu’n eucòir ’s mu’n dòghlum Th’ air Ile bhochd. AN DUN. ’S iomad aon thig am amharc A bhios ri fanaid ’s ri mòr-chuis; Ach ’s iad na Gaill tha mi ’g ràtuinn, Oir tha iad làidir ’s an dòigh so, [TD 323] Le’n ada spàirte mu’n cluasan ’S dreach an fhuachd air an sròntan— Cha’n fhiach ’s cha’n fhiù leò a’ Ghaidhealtachd Ged ’s i chuir loinn air na sgròbain ’Fhuair innte blas. Ach tha mi tuigsinn o d’ chainnt-se Gur h-ann ’s a’ Ghleann ’chaith thu t-òige; ’S ged tha thu ’giulan na h-aida ’S i bhoineid chochdte bu chòir dhuit, Bha do chàirdean gu socair Anns a’ ghleannan so chòmhnuidh; Ach trid nan triocan aig Webster A Port-asgaig gu’n d’ sheòl iad A nunn do’n Ros. Tha mòran thuath’nach ’s an àm so Anns a’ Ghleann ’cur an òrdugh, ’Dhol thar na h-Atlantic Chum ’s gu’n seachainn iad fòirneart; Chionn tha Brown agus Webster, Mar mhadaidh-allaidh gun tròcair, A’ slugadh nan truaghan, ’S a’ toirt uatha gach fòirlinn A gheibh iad ac’. ’S ann leam is duilich r’a aithris Gu bheil na nàisinich dhìleas Air an cur as an fhearann, Le ainneart ’s le mì-rùn; Na Gaill a’ faotainn an uachdar ’G an ruagadh ’s ’g an dìobairt— Anns gach baile cha chluinn mi Ach falbh thar tuinn gus an tìr sin A tha ro mhaith. [TD 324] Tha cuid diubh ’fàgail na dùthcha, ’S cuid a’ sgrùdadh nam màltan— Cuid gun fhios ciod a ni iad A’ trusadh bidh do na pàisdean; Na maoir a’ faotainn làn chosnadh— Gach Boc agus Càrach— Mar choin air éil ’s iad ri sodan Gu bhi ’m broilleach gach Gàidheal O’n tha iad bochd. Bho ’n dh’ fhàilnich uachdran an eilein Tha Ile ’sgeith as nan nàisneach; ’S cha’n ’eil aogasg an gradaig Gu’n téid stad air an àr so; Ach gabh mo leth-sgeul car tamuill, Bho’n tha mi’n cabhaig an tràsa, ’N uair thig thu rithisd am amharc Bidh agam naigheachd is feàrr dhuit, ’S mo bheannachd leat. TUIREADH. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN, NACH MAIREANN. ’S trom mo ghleus air an stùchd Anns an fheasgar chùbhraidh, chéit’, Dealt nan speur a’ teurnadh dlùth, Inneal ciùil am bàrr gach geug, Chrom a’ ghrian, tha ’n iarmailt ruadh, Air cuan mòr nan stuadhan àrd; Feuch an long ag éiridh suas,— Mar thannasg fuar i seach a’ snàg. [TD 325] Tha ’n oidhche ’teachd le ’trusgan ciar,— Tha ’n àirde ’n iar air dol ’n a smàl; Threig an t-séisd ’bha ’m beul gach ian, Gidheadh cha’n ’eil mi ’triall o ’n àird. Tha gach dùil, ’s gach cuileag fhaoin Air gach taobh a’ gabhail tàimh; Ach mise ’am shìneadh anns an fhraoch, Fo iomairt smaointean baoth gun stàth. O’n a thàinig mi do ’n t-saoghal ’S beag a rinn mi ’smaointean glic; Mar bhlàth cluarain air an raon, ’Ghluaiseas leis gach gaoith a thig. Gidheadh tha smaointean tiamhaidh, bochd, ’Nochd a’ mosgladh ann am chridh’, Tha mar fhàsach falamh, fuar, ’S e gun luaidh air neach, no ni. Cha ’n ’eil agam leannan gaoil, No caraid caomh agam fo ’n ghréin,— Cha ’n ’eil agam bean no clann, No neach a b’ annsa leam na ’chéil’, Amhuil mar bhrùid air a mhagh, Gun eagal Dhé, gun ghràdh, gun dùil; Cha ’n ’eil cùram air mo chrìdh’, ’S mi gun nì ’s an cuir mi ùigh. Ard-Rìgh nam feart tionndam riut, A’s air mo ghlùinean guidheam ort,— Deònaich dhomh-sa cridhe nuadh,— Eisd ri m’ ùrnuigh thruaigh an nochd. [TD 326] Doirt a nuas do Spiorad caomh,— Ris an t-saoghal bheiream cùl; Dhuit a mhàin, O! thugam gaol, A’ d’ Aon Mhac féin, O! cuiream dùil. Eisd, a Shlànuighear nam buadh, Ri ùrnuigh thruaigh a’ teachd o m’ chrìdh’, Tha mo cheum air slighe ’bhàis, ’Thriath nan gràsan sàbhail mi. BAS MHAIRI. CAILEAG A BHA ANABARRACH GAOLACH ’S A CHAOCHAIL ’N A LEANABACHD. LE EÒBHAN MAC-COLLA. Chaochail i—mar neulta ruiteach ’Bhios ’san Ear mu bhriste fàire, B’ fharmad leis a Ghréin a’ bòi’chead, Dh’ éirich i ’na glòir chur sgàil orr’. Chaochail i—mar phlatha gréine. ’S am faileas ’na réis an tòir air; Chaochail i—mar Bhogh’ nan speura, Shil an fhras a’s thréig a ghlòir e. Chaochail i—mar shneachd a luidheas Air an tràigh ri cois na fairge; Dh’aom an làn gun iochd air aghaidh— ’Ghile O cha b’ fhada shealbhaich! Chaochail i—mar ghuth na Clàrsaich ’N uair as drùitiche ’s is mìls’ e; Chaochail i—mar sgeulachd àluinn, Mu’n gann thòisichear r’a h-ìnnseadh. [TD 327] Chaochail i—mar bhoillsge gealaich, ’S am maraiche fo gheilt ’s an dorcha; Chaochail i—mar bhruadar milis, ’S an cad’laiche duilich gu’n d’fhalbh e. Chaochail i—’an tùs a h-àille, Cha seachnadh iad á Pàrras féin i; Chaochail i—O! chaochail Màiri Mar gu’m bàthte ghrian ag éiridh! ORAN. DO SEONAID ACHA-TRIACHADAIN, SEISD— Failu o ro ho, O ho i o ho ro, Failu o ro hè. ’N uair thainig mi Ghleann a Comhann, Bha gach gnothach romhan réidh. Fhuair mi sealladh air an rìbhinn, ’S gloine lìth ’s a’s sìobhailt beus. Com a’s cruinne, bian a’s gile, Meur a’s grinne ri cuir gréis. Cùl mar dhìthean, deud mar dhìsne, Beul a’s mìlse o’n tig sgeul. Gnùis na tlachda, mùinte, macant’, Sùil mar dhearcaig air a’ ghéig. Stòlda, ciallach, làn do riaghailt, Mòdhail, dianadach gu feum. [TD 328] Uasal, seòchdail, mar bu chòir dhi, ’S i gun phròis, gun leòm, gun leud. Iochdmhor, bàighail, caoimhnail, càirdeil, Gun ghnè dh’àrdan chuir an céill. Corp seang fallain, mar an canach. Cridhe geal, ’s e glan o bheud. ’S tearc ri fhaicinn samhla ’pearsa, Fiamh na maise air a cré. Aodan ùrghlan, anail chùbhraidh, Inntinn shunndach, nach trom gleus. Troigh a’s cuimir’ am bròig chumhain, ’S a’s bòidhiche siubhal théid air feur. Calpa bàn, nach b’àbhaist fhaicinn, ’S e gu lionta, reachd-mhor, réidh. Righ gu’m faic mi thu aig òig-fhear, Dha’m bi stòras, agus spréidh. Dha’m bi fearann, agus daoine, Cridhe faoilidh, ’s tagha gné, Laoch meamnach, làidir, calma, Ghleidheas buaidh le armaibh geur. Sliochd, a’s aiteas, ’s mòran beartais, A bhi agaibh, ’s beannachd Dhé. Gràdh nan daoine ’bhi oirbh daonnan, Fad ar saoghail gus an eug. [TD 329] DUIL RI BAILE-CHAOLAIS FHAICINN, AIR A’ CHEUD LA DO’N FHOGHARADH, 1856. LE IAIN CAMARON. AIR:—“Johnny stays long at the Fair.” LUINNEAG. O Chi, chi mi na mor-bheannaibh; O Chi, chi mi na cor-bheannaibh; O Chi, chi mi na coireachan— Chi mi na sgoraibh fo cheò. Chi mi gun dàil an t-àit’ ’s d’ rugadh mi, Cuirear orm fàilt’ ’s a’ chainnt a thuigeas mi; Gheibh mi ann aoidh a’s gràdh ’n uair ruigeam Nach reicinn air tunnachan òir. Chi mi a’ ghrian an liath nam flaitheanas, Chi mi ’s an iar a ciar ’n uair luidheas i; Cha ’n ionnan ’s mar tha i ghnàth ’s a’ bhaile so ’N deatach a’ falach a glòir. Gheibh mi ann ceòl bho eòin na Duthaige, Ged a tha ’n t-àm thar àm na cuthaige, Tha smeoraichean ann is annsa guth leam Na pìob, no fiodhal mar cheòl. Gheibh mi le lìontan iasgach sgadain ann, Gheibh mi le iarraidh bric a’s bradain ann; Na’m faighinn mo mhiann ’s ann ann a stadainn. ’S ann ann is fhaid’ bhithinn beò. Chi mi ann coilltean, chi mi ann doireachan, Chi mi ann màghan bàn’ is torraiche, Chi mi na féidh air làr nan coireachan, Falaicht’ an trusgan do cheò. [TD 330] Beanntaichean àrd’ is àillidh leachdainnean, Sluagh ann an còmhnuidh ’s còire cleachdainnean, ’S aotram mo cheum a’ leum g’am faicinn, A’s fanaidh mi tachdan le deòin. Fàgaidh mi ùpraid, sùrd, a’s glagaraich, Dh’fhaicinn na tìr an cluinnt’ a’ chagaraich, Fàgaidh mi cùirtean dùinte, salach, A dh’ amharc air gleannaibh nam bò. Fàilt’ air na gorm-mheallaibh, tholmach, thulachanach, Fàilt’ air na còrr-bheanna mòra, mullanach, Fàilt’ air na coilltean, fàilt’ air na h-uile, O! ’s sona bhi ’fuireach ’n an còir. MO RUN AIR MO LEANNAN. LE BAINTIGHEARNA D’OYLY. SEISD.— Mo rùn air mo leannan, ’S tu dhùraichdinn leanntuinn Gur cùbhraidh leam t-anail na ròsan, Mo rùn air mo leannan, ’S tu dhùraichdinn leanntuinn— ’S beag ioghnadh gach caileag bhi ’n tòir ort. ’S math thig air mo ghràdh-sa Cota grinn air dhath sgàrlaid, ’S ann aig tha ’n cùl fàinneach is bòidhche, Sùil mheamnach, chiùin, mheallach, Nach feargach a sealladh, ’S bu dearbh thu ri d’ ghealladh an còmhnuidh, Mo rùn, etc. [TD 331] ’N uair chìte air làr thu, Ged b’ eireachdail càch, ’S e do cheum bheireadh bàrr air ni’s leòir dhuibh; ’S air sràidean Dhun-éidinn ’S i shealladh gu h-eutrom, ’S bhiodh miann air gach té air do phòsadh. Mo rùn, etc. Ged bha fleasgaich na dùthcha Ga m’ shireadh le sùgradh, A’s iomadh fear cùirteil an tòir orm, Bha uaisle a’ d’ ghiùlan A choisinn mo rùn-sa, Ach ’s e mealladh do shùilean a leòn mi. Mo rùn, etc. ORAN DO PHRIONNS’ TEARLACH. LE BAINTIGHEARNA D’OYLY. Ceud soraidh a’s slàint’ uam null thar an t-sàil’, Do’n òg ris an canadh iad “Mòrag,” Ach moire thàr leam-sa gu ’m be sin am Prionnsa, Do ’m bu chòir a bhi cantail air mòrachd. O, Theàrlaich òig Stiùbhard ’n uair chuartaich thu Rù-ad ’S a thàinig thu Mhùideart ’s a’ Mhòr-thìr, Gur beag bha mi ’n dùil mar shilleadh mo shùil, ’N uair ghabhadh tu aiseag bho Chnòideart. Ceud soraidh, etc. ’N uair leum thu air tìr, deadh choltas mhic rìgh, ’Toirt leum air gach cridhe le sòlas, Bha deàrrsadh do shùl mar iolair nan stùchd, Mar smeòrach do ghuth air a bhòidhchead. Ceud soraidh, etc. [TD 332] ’N uair chualas an sgeul feadh nan Gàidheal gu lèir, Ceud soraidh, etc. ’N uair chìt’ air a’ bhlàr thu, deadh mharcaich air àrd each, Bu ghrad a bha cruinneachadh mòr dhiubh; Thug iad mionnan air ball nach leagadh iad lann, Gu’n cuireadh iad ’n ceann de Rìgh Seòras. Do chlaidheamh na d’ làimh mar bu chòir dhuit, Le d’ itean geal rìoghail, ’n a’ d’ bhoineid ghuirm, rìomhaich, Deadh cheannard air mìltean ’s a’ chòmh-strìth. Ceud soraidh, etc. Cha ’n fhaicte ’s an rìoghachd, fear do dhreach agus d’ìomhaigh, ’N uair chruinnichte na fineachan mòra, O, thasgaidh ’s a rùin, ’s math thigeadh an crùn, Air do chuailean cas, dlù-chlannach, òr-bhuidhe. Ceud soraidh, etc. ORAN FIR AIRIDH-MHUILINN. ATHAIR FHIONNAGHAL DHOMHNULLAICH A DH’ FHALBH LEIS A’ PHRIONNSA. Slàn iomradh do ’n mharaich’ A chunnaic mi seachad an dé Mac ud Aonghais Oig bheachdaidh, Cha b’e ’n t-iomrall leam tachairt riut féin, Fear gun iomluaisg ’na ’aigne, Bha gu sìobhalta, staideil an céill; Aig a mheud ’s a bha thlàchd ort, Cha d’fhuaradh dhuit masladh no beum. Slàn o chunnart sud dhasan, Cha téid duine ’g a àicheadh nach fìor. O’n ’s i ’n fhìrinn a b’fheàrr leat, ’S o’n ’s i ’n acfhuinn a ghnàthaich thu riamh, [TD 333] Mheud ’s a fhuair mi dhe d’ chòiread Ann an comain an eòlais nach b’ fhiach, Ni mi ’n uiread s’ a’ d’ chòmhnadh Fhad ’s is urrainn do m’ chòta ’ga dhìol. Gheibhte sud am beul feasgair, Ann a’ d’ fhàrdaich-sa, beadradh a’s mùirn, Bùird mhòra ’gan leagadh, A’s an àirneis bu deis ás an cionn Bhiodh na deochanna brasa ’G am brosnuchadh seachad air thùs, Anns na cupanna breaca; Is fir òga ’g an aiseag gu dlùth. Gheibhte sud ann a’ d’ fhàrdaich Ceòl fidhl’ agus dàna ’cur leis; Tigh nan uinneagan clàraidh, Far am faigheadh na h-àraidhean meas Gu ’m b’e sud mo cheòl-gàire car greis, Cha bhiodh cuideachd mar dhaimh ort, Bhiodh tu fhéin ’n a’ d’ cheol-gàire ’n a measg. ’S mòr do bhiuthas aig Gallaibh ’N uair a bhiodh iad air allaban cian, Fhir nach sgrùbail a shealladh am prìb, Meud do mhùirn na do bhaile ’S cha bu chùirt leat ’bhi ’malairt am bìdh, ’S tric a thug thu ’uat deannal ’S mò do dhùil ann an onair Na bonn dheth bhi ’d sporan ’ga dhìol. ’S iomadh sruthan de ’n fhìor-fhuil Tha ruith ann an sìoladh do bhall, Sliochd ud Rao’uill mhòir, phrìseil, Nach d’fhòghlum bhi mìodhoir no gann. [TD 334] Agus deadh Mhac Illeathain ’S gun a theaghlach ri fhaigheil an dràsd ’Cur le chéil’ ann an cruadal ’S tric a bhuidhinn iad buaidh anns na blàir. Dà chraoibh anns a’ ghàradh Cha ’n’ ionnan cur fàis daibh nan dith’s, Craobh a shìoluich ’s a dh’ fhàsas, Craobh a thuiteas le fràmh is le aois, ’S ionnan sud ’s mar a ta sinn, Nis o’n phàigh sinn na màil ud cho daor, Tha ar n-urra cho làidir ’S gu’n cuir e ’na àite gun chlaoidh. HO RO, CHA’N ’EIL CADAL ORM. Ise.— Ho ro, cha’n ’eil cadal orm, Cha’n ’eil m’ air’ air sòlas, Mo chul-thaobh ri ceòl gàire. Bho’n là chaidh mo phòsadh Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. Bha m’ athair is mo mhàthair ’S mo bhràithrean uile deònach Mo phòsadh ris an t-seann fhear O’n bha mi gann do stòras, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. ’S e ’n t-òr thug an car asam, ’S e ’n seann fhear rinn mo bhuaireadh, ’S e ’m pòsadh rinn mo shàruch’, ’S tha bhlàth sud air ma ghruaidh-se, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. [TD 335] ’Nuair bhitheas càch ’s na bàiltean ’A crathadh an cuid ghùntaibh; Bith’dh mise leis an t-seann fhear A’s srann aig air mo chùl-thaobh, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. Comhairl’ oirbhs’ a chaileagan, An earail so na diùltaibh Gun tàir a dhean’ air òig-fhear Ged bhith’s a sporan sùmhail, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. Esan.— Ged nach ’eil an òig agam Dheanainn òr a chùinneadh, A’s ghleidhinn thu ’d bhean uasal Co math ri fear a’ d’ dhùthaich, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. Nuair dh’ éidear le calico Guanagan na tìre, Bith’dh tusa leis an t-seann fhear A’s srann aig do ghùn sìoda, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. Nuair bhith’s mnath’n a’ bhaile so Ri carachd a’s ri guaineas; Bith’dh thusa le d’ bhanaraich, A cuir a chruidh do ’n bhuailidh, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. Tha naoi bliadhna ’n taice so O’n a chaidh sinn còmhladh, Tha’n oighreachd an diugh sàbhailt’ A’s pàisd’ aic’ air a glùinean, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. [TD 336] O thàlaidh mi chadal i, ’S dh’ amaisinn air a dùsgadh, ’S tha m’inntinn taingeil toilichte ’S mo sporan air a giùlan, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. ORAN GAOIL. LE BAINTIGHEARNA D’OYLY. Nam bithinn eòlach air gabhail òrain, Gu ’n togainn fonn air na dh’ fhalbh air sàil’, Tha ’m bàta seòladh, ’s mo rùn air bòrd oirr’, ’S bidh mi gun sòlas mur till e tràth; Ged chite mìltean do fhleasgaich fhìnealt’, Cha ’n ’eil ’s an tìr so na bheir ort bàrr, Mo rùn is m’ ’eudail, mo roghainn céil’ thu, Ma phòsas té eil’ thu cha bhi mi slàn. Tha beul an òigear mar bhilibh ròsan, ’S a ghuth mar smeòrach, no ceòl nan teud, Dà bhlàth shùil mhìogach ’n a aghaidh mhìn-gheal. Mar it’ an fhìreun a mhala réidh, Fear foinnidh dealbhach a shiubhal garbhlaich Am beul an anamoich ri sealg an fhéidh, ’S e caoidh do chòmhraidh a dh’ fhàg fo bhròn mi, ’S mi bhi gun chòir ort, dh’ fhàg trom mo cheum. Tha sùil mo rùn-sa gu meallach cùine, ’S mar dhearcag dhù-ghorm fo dhriùchd a’ fàs, Mar ghrian ag éirigh moch maduinn chéitein Tha sealladh m’ ’eudail gu h-éibhinn tlàth; Do dheud geal dìreach fo d’ bhilibh mìn-dhearg, A’m beul na fìrinn bho ’m mìllse fàilt’, Cha ’n iarrainn sùgradh ach pòg bho d’ chùr-bheul. Co raimh thug sùil ort, ’s a dhiùlt dhuit gràdh? [TD 337] NIGHEANAG A’ CHUIL DUINN. LE SEUMAS MUNRO. SEISD.— Nigheanag a’ chuil duinn, nach fhan thu? Fhios a’s tìr gur mi do leannan. Nigheanag a’ chuil duinn, nach fhan thu? Nigheanag a’ chuil bharr’inn bhòidhich, Tha mi ’n tòir ort o chionn tamuil. Nigheanag a’ chuil duinn, etc. ’S ann o ’n bha mi beag am phàisde Thug mi ’n gràdh dhuit a bhios maireann. Nigheanag a’ chuil duinn, etc. ’N uair a bha sinn ris a’ chuallach, Thug mi luaidh do d’ chuailein barr’ionn. Nigheanag a’ chuil duinn, etc. ’S leis na dh’ fhàs de dhreach ’s de dh’ aoibh ort, Thàlaidh thu mo ghaol, gu daingean. Nigheanag a’ chuil duinn, etc. Gorm-shùil mheallach aig mo ghaol-sa, Mala chaol is caoine sealladh; Nigheanag a’ chuil duinn, etc. Gruaidh is deirge na an caorunn, ’S e fo bhraon am bàrr nam meangan; Nigheanag a’ chuil duinn, etc. Beul o ’m binne ceòl a’s gàire, Deudach àluinn mar a’ ghaillionn; Nigheanag a’ chuil duinn, etc. Muineal geal mar chanach sléibhe. Broilleach ceutach mar an eala; Nigheanag a’ chuil duinn, etc. [TD 338] Seang-chruth cuannda, cuimir, eutrom, ’S e gun éislein no gun ainneamh. Nigheanag a’ chuil duinn, etc. ’S tric a fhuair mi treis de d’ mhànran, Air an àiridh, anns na gleannaibh. Nigheanag a’ chuil duinn, etc. ’S minic bha mi riut a’ sùgradh Fo na geugan cùbhraidh barraich. Nigheanag a’ chuil duinn, etc. ’S ann ’s a’ mhadainn latha Càsga, Thug thu dhomh do làmh ’s do ghealladh. Nigheanag a’ chuil duinn, etc. Ach ma dh’ fhàgas tu an dùthaich, ’S trom mi ’giùlan do chion-falaich. Nigheanag a’ chuil duinn, etc. C’ uime rachadh tu gu Galldachd Dh’ fhòghlum fealltachd o na Gallaibh? Nigheanag a’ chuil duinn, etc. Fan, a ghaoil, an tìr nan Gàidheal, Far am bheil an àbhaist cheanail. Nigheanag a’ chuil duinn, etc. SLAN GU ’N TILL NA GAIDHEIL GHASDA. ORAN DO ’N BHATA-THOITE, DA ’N GOIREAR AN CEANN-FINE. LE AILEIN DUGHLACH. SEISD.— Slàn gu ’n till na gàidheil ghasda, Dh’ fhalbh Di-màirt air sàil’ do Ghlaschu, Leis a’ bhàta dhionach, sgairteil, Làidir, acfhuinneach gu strìth. [TD 339] ’S e ’h-ainm am Beurla ’s an Gàidhlig, An Ceann-fine ’measg nan Gàidheal; ’S thig i ’dhùthaich nam beann àrda, ’S gheibh i càirdean anns gach tìr. Slàn gu ’n till, etc. ’N uair a dh’ fhalbhas i gu h-aotrom, ’S luaithe ’h-astar na ’n gath-gaoithe, Cha till fairg’ i no sruth caolais, Ge b’ e taobh do ’n tig an t-shian, Slàn gu ’n till, etc. ’S ged a dh’ éireadh muir gu buaireas, Snàmhaidh i air bhàrr na stuaghaibh, Mar steud-cruidheach ’spuir ga bhualadh, ’Dhol ’s an réis a bhuannachd cìs. Slàn gu ’n till, etc. Le cuibhleachaibh air gach taobh dhi, ’S i masgadh fairge le saothair; Ioghnadh ’s momha th’ air an t-saoghal, A dhealbh clann-daoine ri ’m linn. Slàn gu ’n till, etc. Gu dol an aghaidh na gaoithe, Le teine gu ’n aon snàthaine aodaich, Gun raimh, ach a’ stiùir gu saoradh, Air muir a’ taosgadh na glinn. Slàn gu ’n till, etc. Sgioba fearail ri àm cruadail, ’S Captain Mac-an-Aba an t-uasal, Calum Dòmhnullach a’s Ruairidh ’S Mac-Coinnich a tha suairce, grinn. Slàn gu ’n till, etc. [TD 340] Captain Mac-an-Aba ’n t’àrmunn, A shìol nam fear a sheasadh làrach, A leagadh aighean agus làn-daimh, Anns an fhàsach bràighe ghlinn. Slàn gu ’n till, etc. Mu Urchaidh nan buinnean gailfhiach, Aig Eas-chaiteleig nan garbh-shruth, ’S tric rinn do morbha marbhadh, Air bradan tàr-gheal fo ’n still. Slàn gu ’n till, etc. DH’ FHALBH MO LEANNAN FEIN. LE NIGHEAN FHIR IONAIR-SGATHADAIL. SEISD.— Dh’ fhalbh mo leannan féin, Dh’ fhalbh mo chéile lurach; Misneach mhath na dhéigh, Dhòmh-sa b’ éiginn fuireach, Dh’ fhalbh mo leannan féin! Chunnaic mis’ thu ’n dé Téarnadh leis a’ bhruthach; Bha mo shùil a’ d’ dhéigh, Ged a b’ fheudar fuireach. Dh’ fhalbh mo leannan féin! M’ éudail am fear donn ’Thogadh fonn le furan, Deas a falbh nan stùc, ’Chuireadh smùid á gunna. Dh’ fhalbh mo leannan féin! [TD 341] ’S e mo cheist an t-òigear, Fear a’ chòta bhreacain; ’S truagh nach robh sinn còmhla, ’S againn còir air fearann. Dh’ fhalbh mo leannan féin! Dh’ fhalbh mi leat an dé. Ceum a sìos am Muilionn, Thug mi dhuit mo phòg ’S shil mo dheòir le mulad. Dh’ fhalbh mo leannan féin! ’S mise ’th’ air mo leònadh, O’n a sheòl thu thairis; ’N uair a gheobh thu thall Sgriobh a nall do bheannachd. Dh’ fhalbh mo leannan féin! Na ’n tigeadh tu a rùin, Chum do dhùthaich a rithist; Rachainn leat a nùll, Ged bhiodh triùir ga m’ thilleadh; Dh’ fhalbh mo leannan féin! O’n a rinn thu seòladh, Air long mhòr nan crannaibh; Tha mo chridhe brònach, ’S cha ’n ’eil ceòl air m’ aire. Dh’ fhalbh mo leannan féin! ’S mise tha gu cràiteach. O ’n là dh’ fhàg thu m’ baile, ’S mi mar uan gun mhàthair, Ged is nàir’ dhomh aithris. Dh’ fhalbh mo leannan féin! [TD 342] ’S mise tha gu tùrsach, ’S tric mo shùil a sileadh; O nach faic mi thu ’S a’ bhliadhn’ ùr a’ tighinn. Dh’ fhalbh mo leannan féin! [The following verses were added to the chorus of the preceding song by Mr. H. Whyte, Glasgow, previous to the collection of the foregoing version.] Dh’ fhalbh mo leannan féin, Dh’ fhalbh mo chéile lurach; Misneach mhath na dhéigh Dhòmh-sa b’ éiginn fuireach. Dh’ fhalbh mo leannan féin! ’N uair a thog thu siùil, Bha mo shùil a’ sileadh; Dhuit-se ghuidh gach beul— “Slàn gu’n dean thu tilleadh.” Dh’ fhalbh mo leannan féin! Tha mi ghnàth ga d’ chaoidh, ’S mi ga m’ chlaoidh le fadal; Bho ’n a sheòl thu, rùin, Tha mo shùil gun chadal. Dh’ fhalbh mo leannan féin! Thainig sgeul gu tìr ’Leòn mo chrìdh’ mar shaighead, Gu’n robh thusa ’luaidh, ’N grunnd a’ chuain a’d’ laidhe. Dh’ fhalbh mo leannan féin! ’S cianail leam an sgeul— Ciod am feum bhi fuireach? Bidh mi leat gun dàil ’S gheibh mi fàilte ’s furan. Dh’ fhalbh mo leannan féin! [TD 343] FAILTE BHRAID-ALBAINN. Moch ’s a’ mhaduinn ’s mi dùsgadh, ’S trom m’ aigne ’s mi tùrsach gu leòir, A’ sior chuimhneach na dùthcha, Far ’n do chleachd mi bhi ’m bhuachaille bhò, Gheobhte sithionn a’s iasg ann, Agus ealachan lionmhor air snàmh, Coileach-dubh agus liath-chearc, ’S ciod tuillidh a dh’ iarradh tu ann? O! fàilt air Braid-Albann! Gheobhte féidh ann, a’s earban, a’s minn, ’S iad ’n an luidhe gu cuanmhor, Ann am feadanaibh luachrach a’s cìb’; Na daimh ’s na h-éildean mu ’n cuairt doibh, ’S iad na ’n luidhe air guallainn an tuim, ’S iad gu bior-shùileach, cluasach, ’Feitheamh ciod thig mu ’n cuairt anns an oidhch’. Tha iad earbsach á ’n casan, A chuir seachad na falaisg, ’s an fhraoich, Le ’n gasganan geala, ’S iad a’ dìreach ri barraibh nam maol; An earbag le ’minnein, ’S i glé phrìseil ’g a fholach measg fhraoch, Air eagal an fhorsair, ’Nuair thig e ’s a choin leis air thaod. Cha ’n ’eil sruthan gun iasg ann, ’S cha ’n ’eil gleannan gun fhiadh ann na chòir, Le minneinibh riabhach, ’S iad ’nan laidhe gu lìon’ar measg feòir; [TD 344] Damh cabrach ’s sròn fhiat aig’, Gabhail gaoith’ ann an siantaibh nan neòil, Bu shunntach leam bhi ’g an iarraidh, Ann am maduinn chiùin, ghrianach, gun cheò. Mu thoiseach an t-samhraidh, ’N àm cur cruidh air na gleanntaibh gu feur, Bhiodh eòin na coille gu rannar, ’Gabhail ceileir binn greannar doibh féin, Bithidh an uiseag ’s an smeòrach, ’S iad gu ceòlmhor air barraibh nan geug, Is binn an luinneag ’s an òran, Ann an coille nan cnò leotha féin. Loch-a-tatha nam bradan, Tha ’tighinn o’n fhairge bu drabasta tonn, ’S iad gu dearg-bhallach, tarra-gheal, Iteach, meanbh-bhreac, gorm-bhallach, lom; ’S iad a’ leum ris gu colgarr’, Glacadh chuileag air bharraibh nan tonn Tha iad lìon ’ar ’s gach linne, ’S iad a’ cladh air a’ ghrinneal ’san fhonn. ’S iomadh nigh’nag dhonn, chanach, Tha dà thaobh Loch-a-tatha mo rùin, Ni’s gile fo ’n anart, No an eala air bharraibh nan tonn; Càil bhinn air son ciùil ac’, Beul a’s mìlse na’n siùcar r’a phòg; ’S tha’n anail cho cùbhraidh, Ris a’ bheatha na’m flùr ann a’d’ dhòrn. Aig Eaglais Chill-fhinn, Bu chiatach an ni leam bhi ann, ’G éisdeachd shearmoinean prìseil, Anns am biodh an fhìrinn gun mheang; [TD 345] A ’toirt dhuinn sgeul as a’ Bhìobull, A’s ag innseadh gach ni mar tha ann Sgìreachd eil’ anns am bi thu, Cha’n fhaigh thu gach ni mar tha ann. ’S lion’ar aighear a’s ceòl ann, Fiodhall theudach ’g a sgròb’ anns gach ait’ Pìob ’g a sgaladh, ’s b’e ’n ceòl e, Thogadh inntinn nan òganach àrd; Bhiodh gach nìgh’nag dhonn, sheòlta, Fleasgach caoimhneil ’s i aige air làimh, A’ leum mar earbaig air mòintich, Ann an Seòmar a’ Mhòid ris an danns’. ’Nuair a théid thu thun féill ann, ’S iomadh fleasgach deas treun a bhios ann, D’an tig breacan an fhéilidh, ’S osan geàrr air calp’ glé gheal nach cam, Claidheamh leathan fo’n sgéith ac’, Laoich neo-chearbach nach géill ri àm teann ’S iad nach géill ri àm cruadail, ’S nach bu tais ri àm bualadh nan lann. Ach nan tàrlamaid còmhla, Gach duine bu chòir a bhi ann, Bhiodh ann Neacal an iasgaich, A’s Mac Dhùghail nam fiadh ás a’ ghleann; Agus Iain Mac Dhiarmaid, Duin’ iùlmhor a lionadh dhuinn dram, ’S cha bhiodh cùis ann mi-chiatach, ’S an triùir sin gu fianuis thoirt ann. ’S nam biodh cùis ann mi-chiatach, Gheibhte mòd agus cùirt ann ni ’s leòir, Daoine foghainteach cliùiteach, A chumadh gach cùis mar bu chòir; [TD 346] Fear Achaladair rùnaich, Nach faiceadh fear diùid air a leòn, ’S fear Ghlinn-Iubhair, gu tùrail, ’Toirt breith air gach cùis aig a’ mhòd. C’ àite ’bheil ann an Albainn, Ait’ a’s feàrr na Braid-Albann mo rùin? Tìr nan gaisgeach ’bha dìleas A’ sheasdh na fìrin ’s a’ chrùin; Gheobht’ ann cruinneagan bòidheach A sheinnibh dhuinn òrain bha binn, Tir nam filidh bha àluinn, ’S lionnar Bard a chaidh àrach na d’ ghlinn. A MHAIRI GHAOIL. LE IAIN CAIMBEUL ANNS AN LEIDEIG. AIR FONN.—“Soraidh slan le Fionn-Airidh.” SEISD.— A Mhàiri ghaoil, a mheall mo chrìdh’, A Mhàiri ghaoil, tha thu am dhìth: Gur trom tha mi ’s na deòir le strìth Ga ’n cumail shìos bho ’n dhealaich sinn. Aig àm a bhristeas iad a’ bhruach, Mar ribe fhaoin roimh thonn a’ chuain, ’S a dh’ fhàgas iad mo chridhe truagh A smaoineachd air na h-amaibh ud, ’San robh thu ’ghaoil, gu eutrom, luath, Gu sùnndach, cridheil, air bheag uaill; Is beag a shaoil mi sin a luaidh, Co luath gu’m feumta dealachadh. [TD 347] Mar ròs a bristeadh mach fo bhlàth, Measg dhuilleig uain’, air gheug a’ fàs; B’e sud do choimeas air an là ’N do gheàrr am bàs ri leathad thu. Ach chaidh thu nis do’n leabaidh réidh, Fo bhrata tubhaidh glas do fheur, ’S an neònein geal a’ sileadh dheur Fo dhriùchd a’ chéitein thairis ort. Tha thu sìnte ’n Ach-nam-bà, A’d’ luidhe iosal shios fo ’n làr; Is goirt mo chridhe-sa gach là, Théid mi gu bràth do’n chaibeal ud. ’S gus an luidh mi sìos ri d’ thaobh, Anns a’ chisde chumhann, chaol, Traoghadh cha tig air a’ ghaol Thug mi co daor ’s co daingeann duit. THA ’N DIL’ AIR AN ATHAR. SEISD.— Horin a irinn ho gù! Horin o hi rì u! Tha’n dìl’ air an athar— Uisge reamhar, trom, dlùth. Horin o, etc. Tha ghaoth air an uinneig, Leam ’s duilich an tùrn. Horin o, etc. Tha’n soirbheas air caochladh Ann an aodan mu rùin. Horin o, etc. [TD 348] Ged a bhiodh i na b’àirde Bhiodh mo ghràdh air an stiùir. Horin o, etc. ’S tu b’ urrainn a teàrnadh Air sàil’ no air bùrn. Horin o, etc. Ged a bhitheadh an linnidh Air mhire ’na smùid; Horin o, etc. ’S ged a bitheadh mo chinneadh Ga pilleadh a nùnn. Horin o, etc. Fhir bhig nan sùl donna, Cha choma leam thu. Horin o, etc. Aghaidh shoilleir an sgàthan, ’S tu m’ àilleagan sùl. Horin o, etc. Dh’ athnichinn thu tighinn Air dhithis no thriùir; Horin o, etc. Air chóignear no sheisear— Air dheichnear ’s e ’s mò. Horin o, etc. Gu’n càirinn do leaba ’S gu’n gleidhinn duit rùm. Horin o, etc. Gu’m fosglainn an dorus, ’S gu’n caisginn an cù. Horin o, etc. [TD 349] Ach fhir nan sùl daithte, ’S tu mo thasgaidh ’s mo rùn. Horin o, etc. GOBHA MO CHRIDHE. LE IAIN MAC-GRIOGAIR AM BARD. ’S e gobha mo chridh-sa, Gobha nam buadh; ’S e Calum Mac-Griogair, A ruiginn gu luath, ’S gu ’m faigh mi mo ghnothach, ’S cha ghabh e bheag ’uam, Ge d’ bhiodh na ceudan, Aig éigheach ’na chluais. Gu ’m bheil e co ullamh, ’S co duineil ’s bu dual; ’S e nach biodh fada, A’ fadadh a ghuail; Gu ’m faicear a shradan, Co fhada ri Tuair; ’S gu ’n cluinnear a bhuillean, Air Drumin, le ’n cruas. Thug mise dha ’n t-urram, ’S cò ’s urra thoirt uaith, Air goibhnean na cruinne, Thaobh grinneas is luaths’. A’ m faodhairt ’s an cumadh, Cha toir duine air buaidh, ’S na ’m fhaighte ’s tigh òsd’ e, ’S e dh’ òladh a’ chuach. [TD 350] ’S ’n uair théid e do ’n cheardaich, Gur àillidh a shnuadh; Ach bi’dh e mar bha e, ’Cuir blàth’s air a ghruaidh; ’S e gu furanach, fàilteach, ’S ro ghràdhach ri tuath, Ach bu mhath leis teath-linneadh, Bhi na mheanach-sa uap’. Ge d’ b’ ainmeil Feràra, Air claidheamh nan ruag, ’S e so fear is fheàrr leinn, O’ n a tha esan uainn; ’N àm faodhairt na stàilinn, Cha bhlàthich e ’n gual, Gu ’m buail e cho làidir, ’S gur fheàrr leis e fuar. GUR MIS’ THA FO MHULAD. AIR FONN.—“Ho ro cha bhi mi ga ’d chaoidh ni’s mo.” Gur mis’ tha fo mhulad Air ’n tulaich so shuas, Nach faicear am chòir thu La Dònaich no Luain; Ged théid mi do ’m leabaidh; Cha chaidil mi uair, A’ smaointean mo leannain ’S e fad air dol bhuam. Fear ciabhaige glaise Cha d’ thug mi dha spéis, ’S e mo rùn an t-òg gasda, Chaidh seachad an dé. [TD 351] Mo chridh’ air a bhristeadh— ’S e bruidhinn gach té; Tha mo dhòchas ’n uair thig thu, Gu’m bi mi ’s tu réidh. Gu’m faca mi ’n dé thu, ’S bu luaineach do cheum, Chaidh thu orm seachad, ’S cha d’ fharraid mo sgeul; Ach, marbhaisg air an t-saoghal, Gur caochlaideach e; Mu’n taice so ’n uairidh, Gheobhainn d’ fhuran roimh cheud. ESAN A’ FREAGAIRT. A chuachag an fhàsaich, Gur h-àill’ thu na’n driùchd. ’S e miann gach gill òig A bhi ’n còmhnadh riut dlùth, Tha mis’ ann an dòchas Gur h-òigh thu gun smùr, Mo bhriathran ’s mo bhòidean Nach pòs mi ach thu. Tha thu bòidheach gun mheang, Tha thu bandidh gun ghruaim, Tha thu sìbhealta ’d chainnt, Neothar-thaing, tha thu suairc: Cha’n ’eil cron ort ri àireamh An làthair an t-sluaigh,— Ged ’tha thu gun stòras Tha ’n còrr annad dh’ uaisl’ Am meadhon na mara, ’N uair bhios mi fo ghruaim Bidh do ghaol-se ga m’ mhealladh, ’S ’g am bheothachadh suas; [TD 352] Cha téid mi air àicheadh An làthair an t-sluaigh, Nach tu ’n t-aon is fheàrr leam A dh’ fhàs oirre gruag. THEID MI GA D’ AMHARC. LE IAIN CAIMBEUL ANNS AN LEIDEIG. AIR FONN.—“An t-apran goirid, ’s an t-apran ùr.” SEISD.— O théid mi ga d’ amharc, O théid, O théid! Bho’n fhuair mi ’uait gealladh An dé, an dé; Cha bhi mi ni’s fhaide Leam féin, leam féin, ’S gu’n dean sinn e daingeann, Le cléir, le cléir. Tha’n latha ’dol seachad, Gun fheum, gun fheum; A’s mise ’s mi fhathast, Gun té, gun té; ’S e dh’ fhàg mi co falamh Gu léir, gu léir, Bhi fada ’s an tarruing ’S mi ceum air cheum Is iomadh seann fhleasgach, Mo chreach, mo chreach, Na ’n ìnnseadh e ’n fhìrinn Le dreach, le dreach, Gu ’m b’ fheàrr leis ’bhi sìnte Gle ìosal a chaoidh, Na ’n saoghal a shiubhal, A rithist gun mhnaoi. [TD 353] A’ direadh a’ bhruthaich Le sgairt, le sgairt; Cha shaoil e gu bràth Gu ’m feum e taic; ’N uair ruigeas e ’m mullach A call a chas, ’Nuas leis an leathad ’S e car air a’ char. Na bitheam ’s an àireimh A’ ghaoil, a’ ghaoil, Thoir thusa do làmh dhomh Gu saor, gu saor; No gabhaidh tu ’n t-aithreachas Latha nach saoil, ’S bidh mise gu math dheth, ’S te eile ri m’ thaobh. ’Sin a nis agad Mo bheachd, mo bheachd, ’S do chridhe ma th’ agam, Na fuirich air d’ ais; Ma’s toigh leat an coisich’ Na feith ris an each, Tha ’n òige ’dol seachad, ’S tha ’n aois a’ teachd. ORAN DEALACHAIDH. LE DOMHNULL MACEACHARN. SEISD.— Eirich agus tiugainn o! Eirich agus tiugainn o! Eirich agus tiugainn o! ’S e crìoch gach comunn dealachadh. [TD 354] An cuimhne leats’ an gleannan uain’ Far an robh sinn òg a’s luath, A’ buain nan sòbhrach feadh nam bruach, ’S gun luaidh againn air dealachadh. A’s far an robh sinn ait le chéil’, A’ ruith a’ bhradain leis an leus, ’S a’ sealg a’ choilich air a’ ghéig, Mu’n d’ thog sinn ceum an allabain. Ach ’s cian bho’n sgaoil sinn deas a’s tuath, Chaidh cuid thar bheann a’s cuid thar chuan, Cha chluinn mi ’n diugh an coileach ruadh, Ged bheirinn duais nach canainn air. Ach fàr do làmh mo charaid ciùin, A’s cuir an smalan so air chùl, Oir chi sinn fhathast tìr nan stùc, A’s bidh sinn sunndach aighearrach. O, eiribh ’illean, lionaibh suas, A’s cuiribh farumach mu’n cuairt; Do thìr nam beann, nan gleann, ’s nan cruach Gun òl sinn cuach ’s an dealachadh! MOCH ’S A’ MHADAINN RINN MI GLUASAD. SEISD.— Ill ù ill o, ho ro éile, Ill ù ill o, ho ro bha ho, Ill ù ill o, ho ro éile. Moch ’s a’ mhadainn rinn mi gluasad, Dhìr mi a mach ri Beinn Cruachan. Dhìr mi a mach, etc. ’S theirinn mi lag an fhraoich uaine. [TD 355] Theirinn mi lag, etc., ’S shuidh mi aig tobar an fhuarain. Shuidh mi aig tobar, etc. Chìr mi mo cheann ’s dh’fhàg mi ghruag ann. Chìr mi mo cheann, etc., Dh’ fhàg a’s falt mo chinn ’n a dhualan. Dh’ fhàg a’s falt, etc. Suil g’an d’ thug mi thar mo ghuallainn. Suil g’an d’ thug, etc., Chunna mi’ tighinn na h-uaislean. Chunna mi ’tighinn, etc., D é, ma bhà cha robh mo luaidh-s’ ann. D é ma bhà, etc., Fear a’ chinn duibh ’s a’ chot’ uaine. Fear a’ chinn duibh, etc. Cha robh, a ghaoil, gu ’m b’fhada uam thu. Cha robh, a ghaoil, etc., Bha té eil’ aig baile g’ad bhuaireadh. Bha té eil’ aig baile, etc., ’S chaidil thu ’n raoir air a cluasaig. Chaidil thu ’n raoir, etc., Ach ’s aithne dhomh-sa d é chum uam thu. ’S aithne dhomh-sa, etc., Tainead mo chrodh-laoigh air buaile. Tainead mo chrodh-loaigh, etc. Lughad ’s a bha dubh no ruadh dhiùbh, Lughad ’s a bha dubh, etc. Lughad ’s a bha caisionn, guaillionn. [TD 356] Lughad ’s a bha caisionn, etc., Ach d é ma ’s ise ’s truime buaile. D é ma ’s ise ’s truime, etc., ’S mise ’s càirdich’ do na h-uaislean. ’S mise ’s càirdich, etc., A dhìreadh ’s a thearnadh ri Cruachan. A dhìreadh ’s a thearnadh, etc. Le ’m flasgaichean air an cruachainn. Le ’m flasgaichean, etc. Le ’n gunnaichean air an guaillnean. Le ’n gunnaichean, etc., A dhol a shealg na h- éilde ruaidhe. A dhol a shealg, etc., Mar sin a’s lach a’ chinn uaine. Mar sin a’s lach, etc. ’S a’ bhric air linne nan cuairteag. ’S a’ bhric air linne, etc., ’S mithich tearnadh le Beinn Cruachan. ORAN. LE IAIN RUADH DROBHAIR A BHA ’N RAINEACH. FONN.— Duine bochd air bheagan mhart Cha ’n fhaigh e meas bho nàbaidh: Duine falamh ’s e gun nì Gur fada shìos théid fhàgail. Bha mise uair do m’ shaoghal, ’S bha maoin agam a’s càirdean: Bu chompanach dhaoin’-uaisle mi, ’Nam shuidhe shuas ’s tigh-thàirne. [TD 357] Ach nis bho ’n tha mi aosmhor, ’S gu ’m beil mo mhaoin air m’ fhàgail, Cha ’n aithnich fear de ’n chiad mi, Ged chi iad sìos an t-sràid mi. Ged bhiodh gliocas Shol’ aig fear, A ’s sgoilearachd Righ Dàibhidh; ’N uair their’geas a chuid stòrais, Cha ’n fhiach a chòmhradh fàirdean. Ch ’n iarrar ann an comhairl’ e, Cha dean e gnothach stàthor: Measar e mar ùmpaidh, Cha ’n fhiu a ghuth no ghàire. ’S fuathach e le ’choimhearsnaich, ’S doimheil e le ’chàirdean; ’S ann is aobhar spuirt e Do luchd an uilc ’s an àillis. Ma dh’ iarras iad gu drama e, Bidh faire air gach tràth ann; Gu’m feum e bhi cho sìbhealta Ri luch aig stid’ fo smàgan. Ach am balach slaodach, Gun fhòghlum ach droch-nàdur ’S e sin an sàr dhuin’-uasal: Tha ’n sporan uaine làn da. Tha ’n sluagh air fàs cho uaibhreach, ’S ’n an éideadh suas co àrda, ’S nach aithn’ear an duin’-uasal Seach buachaille an fhàsaich. Tha ’n Sgriobtur dhuinn ag ìnnse, Le fìrinn nach gabh àicheadh, An uair is àirde ’n inntinn, Gu’n leagar sìos gu làr i. [TD 358] Ach marbhaisg air an t-saoghal, Gur caochlaideach a thà e; Ni ’n t-airgiod a’ h-uile ni, Ach anam duine ’theàrnadh. Gur h-iongantach a chlaon e, Tha ’n daoibh a’ sior-dhol ’n àirdead; Tha ’n t-ùmpaidh pailt de stòras, ’S an duine còir ’g a shàrach’ Ach ’n t-ùmpaidh ’g am bheil stòras, Airgiod ’s òr gun bhàigh leis, Cha ’n fhasa dol do ghlòir dha, Na dol tromh chrò na snàthaide. Ma gheobh mi lòn a’s aodach, Cha ’n iarr mi chaoidh na ’s àirde, ’S gu’m bi mi leis cho toilichte Ri Bonipart ’n a phàillinn. SEANN ORAN SEILGE. SEISD.— Seinn iuro bhinn ò ho Chall eille ho rò ho, Seinn iuro bhinn ò ho Eille o ho ro hi. Ach a Thómais ’ic Uilleam Bu tu ’n companach munaidh, Anns na coilltichean urrad Fhuair thu urram na seilg. Seinn iuro, etc. [TD 359] Gur a buidheach mi ’m chéile Thug an gunn’ á Dun-éidean, Dhomh-sa b’ aithne do bheusan, ’S cha bu léir dhomh do ghiamh. Seinn iuro, etc. ’S toigh leam àiridh nam badan Far am b’ éibhinn leam cadal. ’S am biodh fasgadh ri gaillionn Aig aighean ’s aig laoigh. Seinn iuro, etc. Agus frith nan damh donna ’S nan ceannardan troma, Leam bu mhiann dol ’n an coinneamh, ’N uair a chromadh a’ ghrian. Seinn iuro, etc. Le ’m chuilbheir caol cùbhraidh Ann am achlais ’ga giùlan Luaidh ghlas air a h-ùrlar Bheir tuill ùr air am bian. Seinn iuro, etc. Spor thana gheur dhù-ghorm ’N déigh a glasadh ’s a dlùthadh, ’Chuireadh sradag ri fùdar ’N uair a lùbainn mo mhiar. Seinn iuro, etc. Mharbhainn dràchd agus lacha Agus tàrmachan creachainn, ’S earbag riabhach nam badan ’Theid roi ’n mhaduinn ’na fiamh. Seinn iuro, etc. [TD 360] CUMHA DO CHAIPTEIN IAIN CAIMBEUL AIRD-SHLIGNISH, A CHAOCHAIL ’N A LUING FEIN ANN AN CAOL ILE, AIR A THURUS DHACHAIDH O DHUTHCHAIBH CEIN. LE ALASDAIR MAC CALUM, GLEANN-EITE. SEISD.— Cha’n ’eil feum anns a’ mhulad; Cha ’n ’eil treun ris nach cuirear, Cha ’n ’eil feum anns a’ mhulad. Thàinig Eala oirnn’ as na speuran, Do Loch-Eite; dh’ éisd mi ’guileag. Cha ’n ’eil feum, etc. ’S bòidheach i snàmh ri là greine, ’S binne na guth theud a luinneag. Cha ’n ’eil feum, etc. ’G innseadh gu ’n robh ’n Caiptein Caimbeul, ’S a’ cheart àm air cabhsair Lunnainn. Cha ’n ’eil feum, etc. Suaicheantas an Righ ’na ghuallainn,— Mar bu dual-dha, fhuair e urram. Cha ’n ’eil feum, etc. Chunncas long is i fo ’seòl A tigh’nn thar chuan le eòlas duinne Cha ’n ’eil feum, etc. Oifigeach mo ghaoil ga ’stiùradh— ’B annsa leam na crew na luinge. Cha ’n ’eil feum, etc. ’Tigh’nn a mach o bheul Chaol Ile ’S ann a leig i sios a culars.* Cha ’n ’eil feum, etc. * Colours. [TD 361] Thug am bàs gu grad fo ghéill Am fiùran ùr ’dh’ fhag ceudan dubhach. Cha ’n ’eil feum, etc. Na ’m biodh agam sgioba ’s bàta Sheolainn gu trath roimh Chaol-Mhuile. Cha ’n ’eil feum, etc. Dheanainn taghal ann an Aros. ’S gheibhinn làmh le fàilt’ a’s furan. Cha ’n ’eil feum, etc. ’S as a sin do Chille-chiarain Far’ am bheil mo chiall a’ fuireach. Cha ’n ’eil feum, etc. Far ’bheil Oifigeach mo ghaoil An ciste chaoil ’s na saoir ’ga cumadh. Cha ’n ’eil feum, etc. ORAN SUIRIDH. LE DOMHNULL MACEACHARN. SEISD.— Cha téid mise tuillidh a shealltainn na cruinneig Cha téid mise tuillidh air shuiridh an ghleann; Cha téid mise tuillidh a shealltann na cruinneig, Cha dìrich mi ’m bruthach cha ’n urrainn mi ann. ’N uair rinn mi mo bhrògan gu snasmhor a ghròbadh ’Sa ghluais mi cho ceòlmhor ri smeòrach air chrann, A shealltainn na h-òighe ’tha thall ud a chòmhnaidh, Cha chreidinn am dheòin gur e ghòraich a bh’ ann. Cha téid, etc. [TD 362] Bha m’ inntinn làn suigeart ’nuair ràinig mi ’n uinneag, ’S mi cinnteach gu’n cumadh a’ chruinneag rium cainnt, ’N uair dh’fhosgail i ’n duilleag ’s a theann mi ri furan, ’S an thaom ise an truille an cuman ma’m cheann. Cha téid, etc. ’S mar tuiginn an sanas sin, stuig i na madraidh, Bha ’mathair ’s a h-athair a labhairt le sgraing; Thuit ceò air mo léirsinn, a’s m’ anail ga m’ thréigsinn, An rathad cha b’ léir dhomh ’us leum mi ’s an staing. Cha téid, etc. Mi fodha gu m’ shùilean an eabar an dùnain, Mo bhrigis mu m’ ghlùinean ’s an cù oirr’ an geall, Bu mhiosa na ’n còrr leam bhi faicinn na h-òinsich, Aig uinneig a seòmair ri spòrs air mo chall. Cha téid, etc. Marbh’aisg air an ullaid ’s i dh’fhàg mi am bhurraidh, Mo chaiseart ’s an rumaich ’s mo thriubhas ’s a’ ghleann; ’S mi ’n so ás mo léine ag altrom mo chreuchdan, ’S an ionad nach léir dhomh am bréid a chur teann. Cha téid, etc. Toirt bòidean do Mhuire ’s a ’g éigheach gu duineil, Ged gheibhinn an cruine ’s a h-uile nì th’ ann! Nach téid mise tuillidh air chéilidh no shuiridh, ’S nach fhaicear mo luideagan tuillidh ’s a’ ghleann. Cha téid, etc. [TD 363] SORAIDH A CHUIR IAIN MAC MHURACHAIDH A CINNTAILE GU MUINNTIR SHRATH-GHLAIS. Fhir a théid thar a’ mhonaidh, Bheir mise dhuit dollar Agus liubhair mo shoraidh Gu sàbhailt. Fhir a théid, etc. Air faidead na slighe, Na leig i air mhi-thort, Gus an ruig thu ’n tigh-dibh’ Anns a’ Bhràighe. Air faidead, etc. Bheir Seònaid an Toiseach, Gun mhòran a chosd dhuit Na dh’ fhoghnas a nochd dhuit Gu sàbhailt. Bheir, etc. Theirig sios feadh na tuatha Ris an can iad na h-uaislean, ’S cha ’n fhaigh thu fear gruamach Mu ’n fhàrdaich. Theirig, etc. Tha’n dùthaich ud uile, Air a lìonadh le furan, Bho iochdar a buin, Gus a bràighe. Tha, etc. [TD 364] Le mnài ceanalta, còire Is grinn air am meòirean, ’S is binn ghabhas crònan Dha ’m phàisdean. Le mnài, etc. Le maighdeanan maiseach, Nach d’ ionnsaich droch fhasan, Ach ullamh gu Taisbeanadh càirdeis. Le maighdeanan, etc. Na teirig sìos thar a’ bhaile Ris an can iad Bun-Chanaich, Thoir a mach ort An gleannan a’s àirde. Na teirig, etc. Tha trì bailtean urad, Gus am fiach dhuit do thuras, Gheobh thu fiadhach a’ ghunna. Bho phàirt diubh. Tha trì, etc. ORAN DO’N NOLLUIG. LE EOBHAN MACLACHAINN. FONN.— Di haal-lum, di-haal-lum, Di-i, ’il i ’il, hanndan, Di-dir-ir-i hal-i’il-lum Di-dir-ir-i hal-haoir-um, Di-hi ’il, i ’il hal-dir iri, Hari, haal, haoir-um, Di-i ’il-haal, dil-il-i ’il, Dor-ri, ho ’ol, hanndan. [TD 365] A nigheanan, biodh criodhalas Ga fhriothaladh ’s an àm leibh; Cha dlighe dhuinn bhi suidheagan ’S ar cridheachan fo champar; Bheir mise ’n ceol gu fileanta Le frith-leimnich nan rann duibh, ’S grad-éireadh ceathrar inich ’theid Gu h-ingealta roimh ’n dannsa. Di-haal-lum, etc. ’S i Nolluig i! b’e ’sonas duinn! C’ arson a bhiodh oirnn anntlachd? ’S e ’s docha leinn ’bhi soganach, Na biodh am botul gann oirnn; Biodh sgop an t-sruthain fhortanaich Air bharr nan copan seannsail; ’S gu sgobar as gu socrach— Cha’n fhiùgh gun déoch an dannsa. Di-haal-lum, etc. ’S i Nolluig àm is toiliche Le molamas an annlainn, Gu h-imeach, càiseach, botulach, A dh’ fhuadach gort a’ ghanntuir: Na bonnuich chruinn-thiugh, chorca, tigh’n Air brod-mhiosaidh a nall duinn, Gu ròslach, feòl-bhruaich, brotagach; ’S gu’n deantar cosd gun taing leinn. Di-haal-lum, etc. Am fasan ’bh’aig ar n’ aithrichean, Coimh-leanamaid ’s gach àm ris; Na cleachdainnean a bh’ acasan Na leigear dad air chall diu: [TD 366] Gur cliùiteach, mùirneach, aighearach An tigheadas da cheann duibh, B’e’m beus ’bhi tlachdmhor, fialuidh, ceart, ’S am pailteas fo ’n comannda. Di-haal-lum, etc. Gach mùgaire trom air teallaich Tha snaidheadh as le ganntas, Cha’n iarr sinn iad an taice ruinn, ’S neo-chridheil gart an dranndain: ’S i ’bhuidheann éibhneach, aigeannach, Bu tlachdmhoire ’bhi ’cainnt riu, Bho n’ tig an ealaidh bhlasadach Is taitneach siubhal ranntachd. Di-haal-lum, etc. ’S i nochd an oidhch’ is urramaiche, ’Chunnaic sinn le’r sealltuinn; Gur furamach a bhuineadh dhuinn A cumail mar a gheall sinn; Biodh sulas air a’ mhuirichinn Bu tlachdmhoire ’bhi ’cainnt riu, ’S bheir mise ’n ealaidh chuireideach Is iullagaiche srann duibh. Di-haal-lum, etc. NIGHEAN BHAN GHRULAINN, ’AN EIGE. AIR FONN:—“Mo nigh’n mhalda.” SEISD.— Thug mi rùn, ’s chuir mi ùigh ’S an te ùir a dh’fhàs tlà; Maighdean chiùin dh’ an tig gùn, Cha b’e ’n t-ìoghnadh leam d’ fhàilt’. [TD 367] ’S ann an Grùlainn fo ’n Sgùrr Tha mo rùn ’gabhail tàimh; Maighdean ùr a thu ciùin, ’S i mo rùn-sa thar chàich. Thug mi rùn, etc. Gu’n do bhruadair mi’n raoir A bhi ’d chaoimhneas a ghràidh, ’S ’n uair a dhùisg mi á m’ shuain B’fhada bhuam thu air sàil’. Thug mi rùn, etc. Tha do shlios mar chanach lòin No mar eala òig air tràigh; Gruaidh a’s deirge na’n ròs, Beul a’s bòi’che ’ni gàir’. Thug mi rùn, etc. Pearsa dhìreach gun chearb, Aghaidh mheanbh-dhearg a ghràidh; Mar ghath gréine ’s an fhairg’ Tha do dhealbh a measg chàich. Thug mi rùn, etc. Dosan lìobharra réidh ’S e gu h-éibhinn a’ fàs; Tha e sìos ort na ’chléit ’S air gach té bheir thu bàrr. Thug mi rùn, etc. ’N uair a rachainn-sa gu féill Bu leat fhéin seud no dhà; ’S bhiodh tu cinnteach á gùn As na bùithean a b’fhèarr. Thug mi rùn, etc. [TD 368] Ged bu leamsa le còir Na tha dh’òr anns a’ Spàinnt, Liubhrainn bhuam e le deòin Air son pòig bho’n té bhàin. Thug mi rùn, etc. Dh’aindeoin tuaileas luchd-bhreug Tha gach céill riut a’ fàs, Tha thu firinneach réidh Bho ’n là cheum thu air làr. Thug mi rùn, etc. EILIDH CHAMARON. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. Bha am Bard, aig an àm a rinn e an t-òran ciatach so, a’ fuireach ann an tigh a’ Bhàilidh Chamaroin ann an Coir’-uanain. Air madainn latha caillne, 1795, chuir a h-athair a stigh Eilidh, agus i n’ a caileig òig, do sheòmar a’ Bhàird, le botul ’n a laimh, a thoirt da a Challainne. An uair a dh’ éirich am “filidh barraichte,” agus a thàinig e stigh thun a’ bhuird còmhladh ri muinntir an tighe, thog e Eilidh bheag, bhoidheach, air a ghlun a’s sheinn e an t-oran so au làthair na cuideachd. FONN.— Air fàill ill o na hùg oirionn o, Air fàill ill o na hùg oirionn o, Air fàill ill éile na hiùrabh ho-ro, Gaol nan cailin, ’s gur a tù i. Maighdean ùr nan dlùth-chiabh fàinneach, Eilidh Chamaron, nighean a’ Bhàillidh; Binn mar théud na fìdhl’ a gàire— Chiad là ’n bhliadhna dìolam dàn d’ i. [TD 369] Tha mo ghaol air do chùl dualach, ’S do bheul meachair dh’ fhàs gun ghruaiman; Na ’n ruigeadh do cheann mo ghuallainn, Dheanainn strìth m’ an an leiginn bh’uam thu Bu tu ’n t-sòbhrach gheal-bhuidhe, ghreannar, Dh’ fhàs a suas mu bhruaich nan alltan, Neòinein ùr nan lòintean gleannor, Reul air dhreach na maidne sàmhraidh. ’Seang-chorp sùnndach, aotrom, fallain; Craicionn sneachd mar chneas na h-eala; Miann gach stàid’ is àird’ air thalamh, Bhi ’n caoimhneas-gràidh do dhà shùil mheallach. Deud geal ìbhridh, dìonach, snaidhte, ’S bòidhche fiamh na sgiamh na cailce; Bialan siùcair—òigh na maise! ’S binne ’ceòl na smeòrach mhaidne. Mar pheucaig chiataich fiamh do mhala; Dà shuil ghorm fo chaol-rosg tana; Làn do shùl mar dhriùchda meala— Dheanadh do rùn an diùc a mhealladh. Eilidh Chamaron, ’s tu tha bòidheach, ’S do dhà ghruaidh cho dearg ’s na ròsan: Pòg mar shiùcar—rùn gach òigear; ’S gile do chneas na sneachd nam mòrbheann. Sud mo dhùrachd dhuit gu toileil, Am meas, ’s am mùirn, an cliù, ’s an onair; Buaidh do d’ shliochd, ’s mo shliochd-s’ an con-àgh, Mar choill ùir a’ brùchdadh toraidh! ’S lionmhor buaidh a fhuair an ainnir Bho ’n chiad là ghluais i ’n tùs air thalamh; Am mìle trian cha deanainn ’aithris, Ged bu leam na ciada teanga! [TD 370] ORAN. A RINN OIGH D’A LEANNAN ’S E DOL A SHUIRICH AIR MNAOI EILE AIR COMHAIRL’ ATHAR. O’s tric mo shùil air an linne A’s air an fhireach is àirde; ’S tric mo shùil air mo dhéighinn, Is e mo roghainn na dh’fhàg mi. Thoir mo shoruidh do’n fhleasgach A dh’fhalbh mu fheasgar le bharc uainn; Chuir mo leannan a chùl rium, ’S chuir e chùram air bàta; Ged a dhiùlt thu dhomh ’n t-aiseag, A righ gu faicinn-se slàn thu! Ged a dh’éitich thu rùm dhomh, Cha bu dùmhail mi d’ bhàta. ’S tric a bha mi ’s tu sùgradh, Ann am bùthan na ràimhe. Ann an coille nam badan Is tric a ghlac thu air làimh mi. ’S cha b’e t’ fhuath thug dhomh t’eiteach, Ach mi bhi teisteil mu m’ nàire. Ach ma chaidh thu nunn thairis A dh’fhios na cail’ tha ’n Dun-seàthaich, ’S truagh a righ, nach tu gheibheadh; Fuar fodha i ’n déigh a bàthaidh; [TD 371] ’S gach bean a chaidh luaidh riut A bhi ’s an uaigh o cheann ràithe; Ach mise bhi fallain, A’s thusa maireann ’na d’ shlàinte; Thus’ a’s mise, ’laoigh ghaolaich, A bhi ’na’r n-aonar am fàsach; Sinn bhi ’n eilein ’nar dithis; O ’s e mo chridhe tha ’n geall air! Sìor thoiseach an dùbhlaich Dh’ fhalbh mo stiùir ’s mo chroinn-bhràgad, Ach a righ mhòir a’ chruinne, Cum ’na thuradh ’s na thàmh e; Gus am buanaich iad Muile Luchd a’ chunnairt ’s a’ ghàbhaidh; Luchd a dhìreadh nan stuadhan Air muir ruaidh nan tonn àrda. Tha gaoth mhòr air an latha, ’S uisge reamhar, trom, tlà ann. Tha do bhreacan fliuch fionn-fhuar, Gu b’e ionad ann do thàmh thu. ’S truagh gun m’eudach, a ghaoil, agad Gu moch maduinn am màireach; ’S e bhi rithis gun fhios uait, Seal mu ’m fiosraicheadh càch e. ’S e do bhreacan ùr uasal A chum am fuachd ’uam is mi m’ phàisdoin; ’S tric a chum thu mi tioram Fo shileadh nan àrd bheann. [TD 372] ILLE DHUINN. SEISD.— Ille dhuinn, chaidh thu ’m dhìth! Slàn gu ’n till thu ’s gu ’n ruig thu! Ille dhuinn, chaidh thu ’m dhìth! Ille dhuinn a dh’ fhalbh á Brògaig, Bidh mi brònach gu ’n tig fios ort. Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn an leadain àluinn, ’S ann Di-màirt a dh’ fhàg thu mise. Ille dhuinn, etc. Dh’ fhag thu mi air cnoc am aonar; ’S léir do ’n t-saoghal mar tha mise. Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn an leadain dualaich. ’S ann Di-luain a fhuair mi fios uait. Ille dhuinn, etc. Ghabh iad thusa ’n arm Righ Deòrsa; Och mo leòn! cha ghabh iad mis’ ann. Ille dhuinn, etc. ’S a’ mhilisi an Dunéideann, Dh’ fhalbh mo cheud-ghaol fo na h-itean. Ille dhuinn, etc. Dh’ fhàg thu mo shùilean gun léirsinn; Ann a’ d’ dhéigh cha léir dhomh litir. Ille dhuinn, etc. Ach na ’n gealladh tu mo phòsadh, Chunntainn òr dhuit mar na sligean. Ille dhuinn, etc. [TD 373] Mìle marbh’aisg air na breugan, ’S iomadh deuchainn gus an tig iad! Ille dhuinn, etc. Thog iad orm gu ’n robh mi aosmhor, ’S ann thuirt daoin’ gun robh mi leth-cheud Ille dhuinn, etc. Ach na ’m pàigheadh iad mo shaothair, Dh’ innsinn m’ aois dhaibh ann an tiotan. Ille dhuinn, etc. Bliadhn’ ’ar fhichead, mios, a’s ràithe, ’N aois a tha mi, ’s gu bheil fios air. Ille dhuinn, etc. Mìle marbh’aisg air luchd an tuaileas, ’S beag air an gluais iad droch mheas dhuinn. Ille dhuinn, etc. Ni iad naigheachd do na breugan, ’S bheir iad anns gach beul e chlisgeadh. Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn an leadain dualaich, ’S òg, a luaidh, a bhuair thu mise. Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn an leadain chraobhaich, Thug mi gaol araon gun fhios dhuit. Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn an leadain bhòidhich, ’S ann fo bhròn a d’ fhàg thu mise. Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn ma dh’ fhàg thu ’n dùthaich, ’S mòr mo chùram nis nach tig thu. Ille dhuinn, etc. [TD 374] MARBHRANN DO GHILLEASBUIG MAC-NA-CEARDADH, A BHA ’NA CHLO-BHUAILTEAR GAIDHLIG, ANN AN GHLASCHU. LE DONNACHADH MAC DHUGHAILL, AIR FONN:—“Mort Ghlinne-Comhunn.” Cha ’n ’eil latha d’ ar saoghal, Nach ’eil caochladh gach taobh a’ teachd oirnn; Càirdean caidireach gaolach, A’ dol dachaidh d’ an caol-thigh fo ’n fhòid; Mùirn a’s macantachd aoibhinn, Dol air theicheadh o ’n chloinn a ta beò, ’S cridhe cràiteach ’g an claoidheadh, ’S àmhghar teinntidh neo-chaoimhneil ’gan leòn. ’S mòr am beud leam am buile, ’Dh’ fhàg gu deurach ’s gu dubhach do chlann, A thigh’nn ortsa le tuiteam, O nach d’ éirich aon duin’ ach an Ceann, ’Rùnaich thusa ’na mhaitheas, A thoirt dachaidh gu maireanneachd bhuan, ’S a bhi mar ghrian anns na flaitheas: Cùis ’ni bìdh* sinn, ged ’sgaradh thu uainn. B’e do mhiann cuing na daorsa, Bhi bhàrr muineil nan daor-òglach truagh; ’Slabhraidh ainneirt bhi sgaoilte, Deth gach neach a tha caoineadh fo ’n chuail; ’S mòr de cheàrnaibh an t-shaoghail, Air an d’ ràinig do shaothair le d’ pheann; ’N aghaidh sàrachadh dhaobhach, ’Reic ’s a cheannaich dubh-dhaoine ’s an clann. * Humble. [TD 375] Thàrmaich annad-sa geur-chuis, ’S rogha fradhairc gu léirsinn le tùr; Gun chal air inntinn no reusan, Daonnan feart-bheachdail, réimeil a’d’ rùn; Dìreach, diongmhalta, stéidheil, ’S meidh an teampuill ’na reul-sholuis iùil, Dhuit gu iomsgaradh euceart, O na h-éiteinnean spéiseil a b’ fhiù. Bha do leasraidh-sa crioslaicht’, Mar dheadh ghaisgeach ’bha tric anns na blàir; Le uchd-éididh nach bristeadh, Creideimh fìor-ghlan roimh ’n clisgeadh gach nàmh; Clogaid slàint’ o’n Chrùn sgithich ’Liubhradh dhuit-sa le Lighich’ nan gràs, Air do cheann ’toirt dhuit misneich; ’S claidheamh sìorruidh an Spioraid a’d’ làimh, Soisgeul sìth dhuit bu bhrògan, Leis gach armachd a dh’ òrdaich Mac Dhé, ’Chuir thu ’d’ sheasamh gu stòlda, Air a’ charraig nach fòirnear a stéidh; Cha bu mhosgain no fòlach, A thog thus’ oirr’ ach beò-chlachan nèimh: B’e ’n Crann-ceusaidh do bhòsd-sa, ’S fuil na h-ìobairt do lòn fad do ré. Bha thu suilbhir a’s aoidheil, ’San cùis dùrachd cha b’ aotrom do rùn, Cha robh stà dol ri d’ aodann; Bheirt’ an stéidh leat o fhaoin-bheachdan tnùth. Ceart mar fheallsanach teòma, ’Thoimhseadh gairbhead a’s caoilead gach sùigh, ’Sa dheanamh soilleir do chaoiche, Nach robh ’na bheachdan ach caochagan smùir. [TD 376] Thug thu mòr-ghean do d’ dhùthaich; B’ iomadh sgaineil, droch-bhiùthas, a’s breug ’Phill thu ’losgadh nan ùghdar, ’Bha neo-chneasda, gun bhùnnlum, gun stéidh. Naimhdean as-caoineach, cliùchdach, Ro neo-chinneadail, brùideil ’nam beus, Uailleil, atmhor ’nan rùnaibh, Gu ’bhi fògradh o ’n dùthaich gach treubh. Chuir thu Goill fo na casan, A rinn iolach ’s gach baile d’ ar tìr, Os-cionn breugan a’s masgul, Air nach cualas a’ shamhail de spìd; Ach ’n uair ’fhuair thus’ an glacadh, ’S dubhain fhrith-bhacach, thaiceil ’n an giall, Phill thu iad, mar ’ni madraidh, Chum an sgeith féin a ghabhail ’na bhiadh. Dh’ fhalbh cùl-taice do ’n Ghàidhlig An là leagadh thu sàmhach fo ’n fhòid; ’S tearc do leithid a dh’ fhàg thu Ann an eòlas na cànain; ’s cha bhòsd. Chuir thu arral fo shàradh, ’S cha robh uaill no baoth-àighios a’ d’ chòir; ’S lìonmhor sgoileir ro-làsdail, D’ an tug thu leasan a b’ fheàird e r’ a bheò. ’S mòr na ghabhadh e ’d’ ghluasad, No na chuireadh ort gruaman no fearg; Ni chuireadh cuid fo dhroch-bhruaillein, Bhiodh e leatsa cho suail ri rud marbh. Na ’m bu phuing i bhiodh fuaighte, Ri d’ chogais, no ri suaimhneas do shìth, Cha chual’ thusa do chluain-chainnt, Na dhùisgeadh faileas a’ bhuairidh a’ d’ chrìdh’. [TD 377] ’S mòr na chaill do luchd-dùthcha; Bha thu dìleas le dùrachd dhoibh riamh; A’ d’ cheann-uighe ’s a’ d’ chùl-taic’, Mar dheadh athair ’g an stiùradh le rian. Bha do chaomh-bhean cho fialaidh, ’S a tharruing anail á cliabh anns an fheòil; Cha bhiodh dìobarach iarraidh Ris nach roinneadh i biadh deas a beòil. ’S fhada beò bhios bhur cuimhne, Aig mòran ’s aig muinntir bhur gràidh; ’S lionmhor beannachd r’a chluinntinn, Tha g’ ar leantuinn a dh’ ionnsuidh bhur tàimh. Gu robh deòir-dhealt gach feòirnein, Moch a’s anmoch a’ dòrtadh le bàigh, O am bàrr air bhur còmhdach, ’S a’ dearcadh crom-cheannach brònach d’ ’ur n’àit’. Suain ro-sheasgar d’ ’ur cnàmhan Gus an dùisg sibh là bhràth ás an uaigh; Le bhur culaidh neo-bhàsmhor, A thoirt còmhail a’s fàilte do ’n Uan. Cuirear pailm ann bhur làmhan, Mar nach biodh sibh am fàsaich na truaigh’, ’S bi’dh grian shìorruidh na slàinte Dhuibh ’na beatha ’s ’na h-àgh gu bith-bhuan. [TD 378] A MHAIRI BHOIDHEACH. SEISD.— A Mhàiri bhòidheach, ’s a Mhàiri ghaolach, A Mhàiri bhòidheach, gur mòr mo ghaol ort, A Mhàiri bhòidheach, gur tu a chlaoidh mi, ’S a dh’fhàg mi brònach, gun dòigh air t-fhaotainn. A Mhàiri bhòidheach, gur mor mo ghaol ort, Gur tric mi cuimhneachadh ort ’s mi m’aonar, Ge do shiùbhlainn gach ceum do’n t-saoghal; Bi’dh t’iomhaigh bhòidheach tigh’n beò gach taobh dhiom. A Mhàiri bhòidheach, etc. ’S truagh nach robh mi ’s mo Mhàiri bhòidheach, Ann an gleannan faoin a’s ceò air— ’S ged bu rìg mi ’s an Roinn-Eòrpa, Cha’n iarrainn pòg ach o Mhàiri bhòidheach. A Mhàiri bhòidheach, etc. Ach chithear féidh air sgéith ’s na’ speuran, ’S chithear iasg air àird nan sléibhtean; Chithear sneachda dubh air gheugan, Mu’m faicear caochladh tigh’n air mo spéis dhuit. A Mhàiri bhòidheach, etc. O Mhairi! lughdaich thu mo chiall domh, Tha mo chrìdh’ le do ghaol air lionadh; Tha gach là dhomh cho fad ri bliadhna, Mur faic mi t’aodan a ta mar ghrian domh. A Mhàiri bhòidheach, etc. Do shùilean meallach fo d’ mhala bhòidheach, Do bhilean tana air dhath nan ròsan; Slios mar chanach an gleannan mòintich. ’S do ghruaidh mar chaorunn fo sgéith nam mòrbheann. A Mhàiri bhòidheach, etc. [TD 379] Co chi Màiri ’s a’s urrainn àicheadh, Gu bheil a chridhe laist’ le gràdh dhi, Thug i barrachd ann an àilleachd, Thar gach maise tha fàs san àl so. A Mhàiri bhòidheach, etc. C’àit’ am faicear san t-saogh’l bean t’aogais, Cha ’n ’eil i idir ann ri fhaotuinn Am maise ’n tuigse ’san deagh bheusan, Tha thu ro àrda os cionn gach aon diubh. A Mhàiri bhòidheach, etc. Fhir a shiubhlas thar tonnan uaibhreach, A dh’ionnsuidh Innsean cian nan cuaintean; Thoir gach sìod’ agus ni tha luachmhor, A dh’ionnsuidh Mhàiri a rinn mo bhuaireadh. A Mhàiri bhòidheach, etc. Eòin a’s moiche a théid air sgiathan, ’S a dhìreas suas ann an àird na h-iarmailt, Na bitheadh là a thig fad na bliadhna, ’S nach seinn thu ceòl do mo Mhàiri chiataich. A Mhàiri bhòidheach, etc. Ach cha dean eala air slios nam mòr-thonn, Cha dean smeòrach am badan bòidheach; Cha dean gach inneal ciùil ach crònan, ’Nuair a sheinneas mo Mhàiri bhòidheach. A Mhàiri bhòidheach, etc. Ge do bhiodh mi gu tùrsach cianail, ’S mi le cùram air mo lionadh Ni do ghnùis-sa tha mar ghrian domh, Mo chridhe sunntach ’n uair thig thu m’fhianuis. A Mhàiri bhòidheach, etc. [TD 380] Gu ma slàn do mo Mhàiri bhòidheach Ge b’e àite ’s am bi i chòmhnuidh, ’S e mo dhùrachd-sa ’m fad ’s a’s beò mi, Gu’m bi gach sòlas aig Mhàiri bhòidheach. A Mhàiri bhòidheach, etc. CADAL CHA’N FHAIGH MI. SEISD.— Cadal cha’n fhaigh mì Cadal cha’n fhaigh mise; Cadal cha’n fhaigh mì ’Cuimhneachadh air d’fhuran. Tàmh cha d’ fhuair mi ’n raoir, Cha’n fhaigh mi nochd na h-urad; ’Cuimhneachadh mar bhà Sinn ’an tigh bàn nan uinneag. Bha mi air an fhéill, Bha na ceudan mar rium; Bha mo leannan ann, ’S gann gu’n d’ rinn e m’ fharraid. Thuirt an duine ’n dé: “Na’n tréigeadh tu do ghealladh Ghleidhinn dhuit fear-maoin, Le chrodh-laoigh air ghleannaibh.” Ged gheabhainn-se fear-maoin, Le ’chrodh-laoigh air ghleannaibh B’ annsa leam an t-òigeir As a chòta-cheannaich. [TD 381] Cha bu ghreusaich’ bhròg Rinn mo leòn cho buileach; Ach òganach deas ùr Chuireadh smùid á gunna. Cadal cha’n fhaigh mì, Ciamar ’gheabhainn cadal; Ghoid thu bhuam mo chiall, ’Ghìomanaich a’ ghunna. MO RUN AIR AN OIGH. LE IAIN MAC-A’-CHLEIRICH. FONN:—“Ho ro, cha bhi mi ga d’ chaoidh nis mo.” SEISD.— Mo rùn air an òigh tha chòmhnuidh ’n Cilliain, Bho’n fhuair mi ort eòlas ’s tu òg-bhean ga m’ mhiann, Mur fhaigh mi nis còir ort le pòsadh, a chiall, Bithidh mise na m’ fhògarach brònach a’ triall. Their cuid rium gu spòrsail gur gòrach mo smaoin, A’s geill thoirt do dh’ òg-bhean gur dòigh e ro fhaoin; Nam meallainn-se sòlas mar ’s còir do gàch aon, Mi sheachnadh na h-òigh ud a còmhradh ’s a gaol. Ach co bheir air grian gun dol siar anns an là, No ’r fairge nan liath-shruth gun iarraidh gu tràigh, Ri bruthach co stiùras abhainn Dù’ lais gu bràth; A’s co e le dùrachd a mhùchas an gràdh! Ach O, ’san tha ’n gaol do gach aon tha fo nèamh Mar shnothach do ’n chraoibhe ’s e sgaoileadh gu sèamh; Ma bhacas tu ’dhireadh no spionas tu ’fhreumh; Cha ’n fhàg thu da rìreadh ach crìonach gu’n sgèimh. [TD 382] Cha ’n e gorm shùilean àillidh no bàn mhuineal mìn, No beul o ’m binn gàire a thàlaidh riut mi; Ach maitheas ’bha ghnàth leat a’s àrdan neo-chlì, An caoimhneas bha ’d nàdur, ’sam blàths a bha’ d’ chrìdh. THUG MI GAOL DO’N FHEAR BHAN. SEISB.— Thug mi gaol, thug mi gaol, Thug mi gaol do’n fhear bhàn; Agus gealladh dhuit-se ’luaidh O, cha dual dhomh bhi slàn! Thug mi gaol, etc. Chaidh am bàta troimh na chaoil, Leis na daoine Di-màirt; ’S mise phàigh am faradh daor, Bha mo ghaol air a clàr. Thug mi gaol, etc. Chunn’cas long air a’ chuan, ’S i cur suas nan seòl àrd, ’N uair i dhiùlt i dol mu’n cuairt— Bha mo luaidh-s’ air an t-snàmh. Thug mi gaol, etc. Tacain mu ’n do luidh a’ ghrian, Bha mi ’n fianuis mo ghràidh, Tha e nis an grunnd a’ chuain, O, gur fuar àite tàimh! Thug mi gaol, etc. Bha mi ’bruadar an raoir, A bhi ’n caoimhneas ri m’ ghràdh; ’S ’n uair a thug e rium a chùl Shil mo shùilean gu làr. Thug mi gaol, etc. [TD 383] Bha mi deas a’s bha mi tuath, Bha mi ’n Cluaidh uair do dha; Dheth na chunna mi fo’n ghréin, Thug mi spéis do ’n fhear bhàn. Thug mi gaol, etc. Cha téid mise ’thigh a’ chiùil, Thuit mo shugradh gu làr, Bho’n a chualas thusa rùin ’Bhi ’s a’ ghrùnnd far nach tràigh. Thug mi gaol, etc. ORAN DO LACHLANN OG MAC IONMHUINN. LEIS AN AIGEANNUICH NIGHEAN DHONUILL GHUIRM. Gu’n tug mi ’n ionnsuidh bhearraideach, Mur do mheal thu m’ aithne mi, Cha b’ e d’ fhuath thug thairis mi Ach d’ aithris air bhith falbh: Cha b’ e d’ fhuath, etc. Ma chaidh thu nunn thar linntichean, O gu ma slàn a chi mi thu Fhir chùil dualaich shniomhainich, ’S ann leat bu mhiann bhi mòr; Fhir chùil, etc. Bu mhiann leat bàta dionach ’s i Gu cumtadh, fuaighte, finealta A rachadh suas ’s nach dibreadh i ’S a chiosnaicheadh muir mhòr. A rachadh, etc. [TD 384] Le d’ sgioba treubhach furachail Bu ro mhaith féum ’s na ruinigil, A ghleidheadh air bhàrr tuinne i Cheart ain-deoin cur is ceò. A ghleidheadh, etc. Gu ’n innsinn cuid do d’ àbhaistean, ’N àm dol air tìr am bàghan duit Bhiodh fìon a’s branndaidh làidir ag Cuir blàth’s air gillean òg. Bhiodh fìon, etc. Gu ’m faighte cuirm gun easbhuidh ’S an tigh mhòr nach foghnadh beagan doibh Bhiodh òl is ceòl nam feadan ag Co-fhreagaradh mu d’ bhòrd. Bhiodh òl, etc. Bu dual duit sud o d’ shinnsireachd, ’N àm suidhe gu do dhinneir dhuit Bhiodh clàirseirean, bhiodh pìobairean, ’S bhiodh fileirean, ri ceòl. Bhiodh clàirseirin, etc. Gur maith thig leine ’n anart dhuit Thig triubhas caol ro ainneamh dhuit, Bròg bhileach, dhubh ga teannachadh Mu ’n troigh nach gearain leòn. Bròg bhileach, etc. Thig còta ’n eudach Spaineach dhuit Théid gini ’s crùn a phàidheadh air, O cha ’n ’eil cron r’a àireamh ort Ach àillealachd do neòil. O cha ’n ’eil, etc. Gu ’n tig na h-airm gu h-innealta Air eile an crios iomachair; [TD 385] Lann thana, gheur, ghorm, ghuineach, A’s i fulangach ni ’s leòr. Lann thana, etc. ’N lann ris an caint an tri-chlaiseach, I ùr a’s sàr cheann Ileach innt’, Fuidh ’n ghualladh thiugh nach dìbreadh i ’S i dìleas sios gu d’ dhòrn. Fuidh ’n ghualladh, etc. Airm eile gu ’m bu mhiannach leat, Bhiodh daga air ghleus sniomhain ort, Sgian chaol d’ an t-seòrsa liomharra Fìor innleachdach o’n òrd. Sgian chaol, etc. Gur maith thig adharc mheanbh-bhreac dhuit, Streang shiod’ is stapuil airgid innt’, Gunna caol air ghleus neo-chearbach Leis an deant’ an earb a leòn. Gunna caol, etc. Ge b’ e chasadh eucoir ort ’S tu anns an airm ’s an éideadh ud Gur barail leam gu ’m feumadh e Bhi tigh’n a’ d’ réir d’a dheòin. Gur barail, etc. Bi’dh chlann sin mhic mhic Alastair, O Chnòideart ’s o Ghleann-garaidh leat, An aon Triath neart gach caraid leis Am maith sibh a bhi beò. An aon, etc. Bi’dh mac mhic Ailein Armailtich A’s uachdaran Chlann Chamroin leat A’ sior dhol suas an ainmealachd Le ’n aignidh meamanach mòr. A’ sior dhol, etc. [TD 386] COMHAIRLE MATHAR D’A MAC. LE FLORAIDH NIC-A-PHI, BAN-ILEACH. Chuala mi Di-dòmhnuich Gu’n robh thu dol a phòsadh; Ach tha mi ’n dùil ’s an dòchas Nach taobh thu ’n Oa ghrannda. Na taobh an Lagan ìosal; Chan ’n ’eil ann ach crìonach, Mar chraobhan a ghabh spìonadh ’S a chinn an dìg a’ ghàraidh. Na toir craobh o’n amhuinn leat; O bhàrr an dùin tha meangan di; Coma leat an rabaid Chaidh phronnadh chois na tràghadh. ’So ’n a thug mi ’n choille thu Feuch gu’n dean thu taghadh oirr’; ’S coma leat an seilleach Gus an teirig fiodh is feàrr ort. Na taobh a’ choille chròcach; Coma leat an seòrsa; Ach an iùbhrach a tha bòidheach An Gleann na smeòraich làimh riut. [TD 387] ORAN A’ MHARAICHE. SEISD.— Ochòin, cha taobh tuillidh Cha taobh, cha taobh tuillidh, Ochòin, cha taobh tuillidh, Na cruinneagan mi. Na tagh té le stòras, Gheobh thu tric air do bhòrd e, Tagh té nach bi spòrsail ’S théid sibh còmhla le sìth. Ochòin, etc. Ged ’tha mise gun stòras, Gun chrodh air mo lòintean, Naile! chumainn-sa lòn riut, Ged is seòladair mi. Ochòin, etc. Ged ’tha mise gun earras, Gun spréidh ’as gun fhearann, Naile! chumainn riut aran, Ged is maraiche mi. Ochòin, etc. Na ’m bithinn-s’ aig baile, Ràithe Geamhraidh no Earraich, ’S mi nach leigeadh mo leannan Le balach gun strìth. Ochòin, etc. ’S gur e mise tha tùrsach ’S mi aig cuibheal na stiùrach Tha mo leannan ’toirt cùl rium, ’S fear ùr air a tì. Ochòin, etc. [TD 388] Tha mo chion air an ainnir, Oigh ùr a’ chùil chlannaich Tha do shlios mar an eala, ’S tu ’s maisiche ’s tìr. Ochòin, etc. ’Ill’ òig tha ga ’m éisdeachd, Mu’n deanar do ’theumadh, Thoir an aire mu’n leum thu, Nach téid thu ’san dìg. Ochòin, etc. ’S ioma oidhche le aighear Thug mi’n cuideachd nan cailean, ’S bho’n a tha mi nis falamh, Cha’n fharraid iad mi. Ochòin, etc. Cha téid mise ri ’m mhaireann, Do dh’ Ile no dh’ Arainn Gheibh mi té aig a’ bhaile, Ged bu bhanarach i. Ochòin, etc. Cha téid mise gu banais Gu féill no gu faighir, ’S ann a bhios mi aig baile, Bho nach fharraid iad mi. Ochòin, etc. CATH ALMA. LE DUGHALL MACPHAIL. AIR FONN.—“An am dol sios bhi deònach.” A cheòlraidh uasal, ’s tric a ghluais Mo bhuadhan an tùs m’ òige, Gu dealbh nan rann fo sgàil nam beann; O! thig san àm gu m’ chòmhnadh, [TD 389] Gu bhi ri iomradh ann am dhàn Air cliù nan sàr-laoch cròdha Nach d’ fhàilnich riamh air muir no tìr, A dhion na Rìogh’chd ’s na còrach. A shliochd nan sonn, bho thìr nam beann, Nan raon, nan gleann ’s nan réidhlein; A chlann nan Gàidheal, s e ’ur stàilinn Dheanadh àr a’s reubadh; Tha eachdruidh làn d’ ur ’n euchdan àrd, Do chruas ’ur làmh ’s d’ur tréine, Ri uchd gach nàmhuid be ’ur n-àbhaist Buaidh no bàs, mu’n géilleadh. ’Nuair thug an Russach ionnsuidh fhuilteach Air an Tuirc le fòirneart Gu toirt fo chìs; ’sa luaisg e sìth Gach rioghachd ’san Roinn-Eòrpa: ’N sin dh’éirich Breatunn a’s an Fhraing Le’n cumhachd toinnte còmhla, Am banntaibh dlùth le Omar Pasha:— ’S iad mar lànain phòsda. Mu’n gann a fhuair iad dol gu tìr. Air ìsleach Bhaileclabha, Bha feachd nan Russaineach fo’n gleus, Air àird’ an t’ sléibh aig Alma, Mar choilich dhùnain a’ toirt dùlain Do na diùnnlaich àluinn, Nach faigheadh dlùth dhoibh taobh an sùil, Ach ann an sùil na làmhaich. Ach beò no marbh, cha ’n fheudta stad Ach suas gu grad nan còmhdhail; Cha robh dol ás bho ’n teine chiùrrail; Ach tigh’n dlùth ri ’n sgòrnain; [TD 390] ’S ioma fiùran ùr neo chlaon, Gun ghìomh, gun ghaoid, gun fhòtus A thuit gu làr an suain a’ bhàis, Mu’n d’fhuair sibh àird a’ chòmhnaird. Tharruing Raglan a’s Canrobert— Na fir chogaidh uasal— Am feachd shluagh taghta air an adhart— Dhol ri aghaidh bualidh; Ach ged bha Sassunaich us Frangaich Clis neo-mhall ’san tuasaid, ’S iad na Gàidheil ’rinn a bheàrn A chuir an là gu buadhach. Bha Batri mhùrtail aig an Russaineach Air uchd an aonaich A’ dòirteadh sios nan garbh-fhras siontach Mar chruaidh-ghliob ’s an fhaoilteach, Bha’n teine trom ud ri mòr-dhiobhail, ’Sgathadh sios nan laoch geal— A’s cha be ’n sùgradh tarruing dlùth Ri beul na fùrneis chraosaich. Ach si’n Reiseamaid dhubh, ghaisgeil Fo’ Shir Cailein Caimbeul— Curaidh treun nan ioma blàr— Bha’ chliu ro àrd mar cheannard— A tharruing suas gu dìleas dlùth Gun gheilt air cùl a shàlach, ’S a chuir na gunnairean ’san tuimhnich Le geur rionn na stàilinn. ’N uair a chunncas air a’ bhearradh Na fir gheala lùthor, Buidhean ghlan nam breacan uallach D’an robh ’bhuaidh mar dhùthchas [TD 391] Mu’n gann a fhuair iad buille ’tharruing, Leis na lannan geura Ghabh na Russainich an ruaig A’s bhuail iad an Ratreuta. Bha sian an àigh mu chom a’ churaidh, Urranta, ghlan, mheamnach A bh’air ’ur ceann gun sgàth gun eagal Ris an teine mharbhtach— Ach air mo laimh, ’s e féin a dh’fhaodadh, As a dhaoin’ bhi earbsach— Be’n iolach-chatha—“Buaidh no bàs”— ’S an àbhaist anns gach aimsir. ’S iomad làrach ri uchd fear-ghniomh, ’S an do dhearbh sibh cruadal, Na fola prìseil uasal rìoghail ’Bu ghlan li ’nur gruaidhean— A’s gus an deachaidh crioch le onoir, Air a’ chogadh bhuan ud Dhion sìbh cliù na tìr a’ dh’fhàg sibh, Anns gach spàirn a’s cruaidh-chas. NIGHEAN DONN NAN REIDH-SHUIL. AIR FONN:—“Gur trom, trom a ta mi.” ’S tu nighean donn nan réidh-shùil, D’ an tug mi spéis ’s cha b’ aireach leam, Cha ’n fhaic mi ’measg nan ceudan, Bean aogais réidh mo leannain-sa. [TD 392] Do bhilean mar na ròsan, Cneas bòidheach mar an canach leam; ’S gur òg chaidh mise ’bhuaireadh, Le rugha gruaidh mo chailein-sa. Do dhà shùil ghorm tha bòidheach, ’S tu’n òg-bhean donn bu chuideachd leam, ’S ’on thug mi féin mo spéis dhuit, C’ar son a thréig thu buileach mi? Ged rinn thu mise fhàgail, ’Sa thug thu gràdh do ’n fhleasgach ud, Dh’ fhaoid’ mu’n tig Feill-Pàruig, Gu ’n tig am bàs g’a leasachadh. ’S gu ’n glais e teann fo’n fhòid mi ’S nach faic mi pòsd’ aig balach thu, ’S bith ’n cridhe rinn thu ’sgàineadh, Na laidhe mhàin ’s cha charaich e. Na laidhe anns an smuirean ’S cha chluinn e dé théid aithris air, Ach dh’ fhaoid’ gu ’n tig thu uair-eigin A chum na h-uaigh ’s an cadail mi, ’S gu ’n can thu, “Och mo thruaighe Bha ’m fear so uair ’s bu toil leis mi;” Bidh mi gu bràth gun chòir ort, ’S e gainne m’ òir is coireach dha. Cha tarruing mi ri sùgradh ’Tha mi gun lùth ’s gun fhaireachdinn ’S e ’n gaol a rinn mo leònadh, ’S a chaoidh ri m’ bheò cha charaich mi. [TD 393] ORAN DO GHLASCHU. LE D. MAC-A-PHEARSAIN. AIR FONN.—“Mort Ghlinne-Comhunn.” ’S mi so an Ghlaschu nam bùithean, Far bheil fasain a’s ioghnaidh gu leòir Leis na chunnaic mo shùilean, Tha mo chridhe air dùsgadh gu ceòl, Sluagh mar sheangain gun àireamh Ruith gach rathad ’s na sràidean nan deann, Am measg toit a’s droch fhàile ’S pailteas fearainn dol fàs feadh nan gleann. Ged tha Ghlaschu cliùiteach Anns na fasain a’s ùire fo’n ghréin, ’S iomadh trioblaid a’s neòghloin Tha luchd misg toirt dh’an deòin orra fhéin; Cha ’n ’eil bainne ann ri fhaotainn, An deoch is feàrr air an t-saoghal gu léir, Ach beirm làidir a’ chaochain, A’ cur mhnathan is dhaoin’ as an céill. Dol troimh Mhargadh an t-shalainn, Far an lionmhor luchd malairt an éisg; ’S iomadh bodachan peallach, Bhios a’ seinn air gach ealaidh fo’n ghréin, Cailleach mhòr, bhuidhe, ghris-fhionn, ’Figheadh stocaidh a’s pìob ann na beul, Ag éigheach, “Sgadan Lochfìne,” ’S i air tùchadh le innseadh nam breug. Ged as àillidh an sealladh, Mnathan uaisle a’ bhaile gu léir; Ag imeachd feasgar ’na Sàbaid, Air sràid Earraghàidheal nan seud, [TD 394] Sìoda còmhdach gu’n sàiltean ’S iad a’ sguabadh na sràid as an déigh, Le gnùis-bhrat ’s cochuill làmh orra, ’S gun na fiaclan slàn ann nan deud. Chi mi caile chinn ghuanaich, Le falt ceannaich a fhuair i an dé, ’S a’ bhoineid thall cùl a cluasan; Mar tha air adharcan luachrach an t-shléibh; Ged is stuireanach, caol-chasach, Astarach, eutrom, a ceum; Cha bhiodh a pògan ach searbh leam, ’S fiaclan tilgte dhaoine marbh ann na beul. ’S bochd an sealladh tha againn, Air oidhche Di-sathuirne fhéin; Fir a’s mnathan a’ caonnag ’S an clann leth-ruisgte caoineadh nan déigh, Fuil ga’n dalladh ’s na sùilean ’S iad le anacainnt toirt dùlan d’ a’ chéil, ’S nan deanadh Gàidheil an tùrn ud Bhiodh iad ainmeil nan dùthaich na dhéigh. IS FADA MI ’M ONARAN. SEISD.— Is fada mi ’m ònaran ’S fada mi, ’s mi leam fhein, ’S cian o thìr m’ eòlais mi, ’S fada mi m’ ònaran. Is fad’ tha mi o chaol-Muile, Am bi na luinngeis a’ seòladh air, Is fada mi etc. [TD 395] ’S mi ’m shuidh’ air an tulaich, Lion mulad ro bhrònach mi. Is fada mi, etc. B’ fheàrr tàmh aig a’ bhaile, Na ’mhachair, ge còmhnard i. Is fada mi, etc. Tha an sluagh gu neo-charthant; ’S cha’n aithnich a h-òighean mi. Is fada mi, etc. ’S mi gun fhiodhall, gun chlàrsach, ’G éisdeachd bàirich nam bòanan. Is fada mi, etc. Mi gun bhoineid, gun suaineach; ’S am fuachd air toirt leòn’ orm. Is fada mi, etc. Ann am bothan beag barraich; Cha tig caraid ’g am fheòraich ann. Is fada mi, etc. Ach nam bithinns’ ’s an Apuinn, Gheibhinn caraid ’s fear eòlais ann. Is fada mi, etc. Far am bi na mna’n bréid-gheal Là-feille, ’s gur bòidheach iad. Is fada mi, etc. A bheinn ghorm ud, m’ am choinneamh, Leam is soilleir do neòineinean. Is fada mi, etc. ’S tu cur am chuimhne, le t-àilleachd. Far am b’ àbhaist mo chòmhnuidh bhi. Is fada mi, etc. [TD 396] ’S mi air àiridh a’ ghlinne, ’G éisdeachd binneas nan smeòraichean. Is fada mi, etc. ORAN. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN NACH MAIREANN. AIR FONN.—“Thoir a nall dhuinn am Botal.” ’S trom tiamhaidh mo chridhe aig imeachd troimh’n ghleann, Gun chòmhail, gun choinneamh, ged ’si’n Nollaig a th’ann, Le m’ shùil air an fhàsach, ’s na làraichean lom, Far am faca mi ’n Gàidheal ri àbhachd le sunnd. Cha’n fhaic mi ann duine, ach cluinnidh mi ’n Gall A’ sgriachail r’a chuilein air a’ mhullach ud thall; ’S chi mi na caoirich, ’s muilt mhaola nach gann, ’An àite nan curaidh, ’s nan cruinneagan donn. Cha chluinn mi ’s cha-n fhaic mi na b’ aithne dhomh uair, Ach na cnocan ’s na h-easan, ’s na creagan ud shuas; Bu chaomh leam an sealladh aon choileach air dùn,— Ged a b’ éigin domh ’bhreabadh, cha bu bheag orm an cù. Ag ionndrainn nam feara, a’ cheathairne chòir, A bheireadh dhomh cuireadh le furan gun ghò; Cha chluinn mi ’s cha ’n fhaic mi na fleasgaichean òg, ’Dol cruinn air an achadh le ’n camain ’n an dòrn. ’S iad a chuireadh an iomain ’s a leanadh i teann; Cho luath ri buic earba feadh garbhlach nam beann,— A bhuaileadh na buillean gu curanta, cruaidh, A’ comh-strìth ri ’chéile gun bhréine, gun ghruaim. [TD 397] ’N uair a sgaoileadh an comunn an deighinn trà-nòin, ’S a shuidheadh gach buidheann gu subhach mu ’n bhòrd, Bhiodh seanfhear an tighe, na mnathan, ’s a’ chlann, Ag òl air a chéile gun éislean, gun ghreann. Am sònruicht’ de ’n oidhche ’n uair rachadh iad cruinn, Bu shunndach ’s bu chridheil an fhidheal a’ seinn; Na gruagaichean teisteil, ’s na fleasgaichean treun, A’ dannsadh gu h-innealt, ’s ri mireag gun bheud. Greis roimh dheireadh na h-oidhche ’n uair a sguireadh a chuirm, ’S a shuidheadh an còmhlan gu stòld’ air na fuirm, Gu’m b’ éibhinn ’bhi ’g éisdeachd nan éideagan grinn, ’Togail nan luinneag cho milis ’s cho binn. Tha mise ’n so ’m ònrachd ag imeachd troimh ’n ghleann, Mo shùil air an fhàsach le làraichean lom, B’e ’n t-ioghnadh na’n cinneadh mo chridhe cho fuar, ’S nach tigeadh a’ mhuinntir ’am chuimhne ’s an uair. ’S TROM MO CHEUM ’S MI LEAM FHEIN. SEISD.— ’S trom mo cheum ’s mi leam fhéin, As do dhéigh cha bhi mi fallain; ’S trom mo cheum ’s mi leam fhéin. Cha dean mi ’m bruthach so dhìreadh, ’S fhada bh’ uam a chì mi sealladh. ’S trom mo cheum, etc. ’S fhada bh’ uam a chi mi Diùra, Agus Siùna ghuirm a’ bharraich. ’S trom mo cheum, etc. [TD 398] Chi mi Mùile nam beann-mòra, ’S a’ Mhorairne bhòidheach ghleannach. ’S trom mo cheum, etc. Chi mi Muile nam beann fuara, Far am bheil mo luaidh a fanachd. ’S trom mo cheum, etc. ’S e chuir mi cho fad’ an tòir ort, Mheud ’s a fhuair mi ’d’ chòmhradh fallaich. ’S trom mo cheum, etc. Dh’fhàg thu mi mar uan gun mhàthair, ’S cha ’n ’eil fàth dhomh bhi g’a ghearan. ’S trom mo cheum, etc. Ach fhir a dh’ imicheas thar na gualla, Giùlain uam-sa mile beannachd. ’S trom mo cheum, etc. Thoir mo shoiridh thar an t-sàile, ’S dean a fàgail anns na Ceallaibh. ’S trom mo cheum, etc. ’S innis do Mhac-Ille-Mhaoil, Gu bheil e caochlaideach ’na ghealladh. ’S trom mo cheum, etc. Mo ghaol fear an leadain shniomhain, Chaidh thar Rudh’-an-Fhiarain thairis. ’S trom mo cheum, etc. Gruaidh is deirge na an caoran, Thàlaidh thu mo ghaol gu daingean. ’S trom mo cheum, etc. Meur is grinne th’air an sgrìobhadh, Cha ’n ioghnadh mise bhi ga d’ leanailt. ’S trom mo cheum, etc. [TD 399] Beul is binne ’gabhail òrain, ’S e do cheòl a rinn mo mhealladh. ’S trom mo cheum, etc. ’S ged nach biodh rium ach do chùlthaobh, Fàileadh ùbhlan tha do ’d anail. ’S trom mo cheum, etc. ROSAN AN LETH-BHAILE. LE EÒBHAN MAC COLLA. Bho’n ghleann ’san tric gun éireadh ar gràdh d’a chéile O cha ’n e fuaim na gaoithe an raoir chum an cadal uam; Droch phrìs air crobh na caoirich, no idir beud bho ghadichean; ’S e mhill mo thàmh, ’s bu leòir sud, mo rùn geal-òg bhi fada nis dh’aidich sinn. Seinn cliù na h-ainnir bhòidheich ud, Ròsan an Leth-bhaile, A chaileag laghach mhòdhar ud, Rosan an Leth-bhaile; ’S math bhuineadh dha bhi sòlasach, òranach, ceileireach Fear gheibheadh gealla-pòsaidh bho Ròsan an Leth-bhaile. ’S math dh-fheudas muinntir Chòmhaill bhi mòr-chuiseach ma m’ leannan-sa, ’S gach filidh a ni òran bhi seinn m’ a dòighean banalta; ’N uair bha i bhos an taobh so, ’s gann fhuair mi féin aon sealladh dhi; ’N uair thainig orm a gaol ceart mar thig air craobh an dealanach. Seinn cliù, etc. Gu’m molainn do gach òigfhear a gheibh bhi chòir na finne ud Bhi seachnach air a mìog-shuil mar math leis crì’-leon tinneasach, Mur sud ’s an t-òr-fhalt deàrsach is tric a’ snàmh m’a slinneinibh Mur bhoillsgeadh gealaich làn oidhche shamhach air linne mach. Seinn cliù, etc. [TD 400] Cha-n iongantach mo luaidh-sa bhi suairce, deas cinneadail, Cha-n ann an coill’ a’ chrìonaich tha ’m freumh o’n do ghineadh i, Tha ghéig de stoc is àirde, ’s tha bhlàth sud air mar chinnich i, ’S ged tha i fathast uaine tha ’buain air aire iomadh fear. Seinn cliù, etc. B’é féin, ’s mo rùn air làimh aige, ’m fear gun ghràs gun duinealas Nach àideachadh gu’m b’ fhaoin leis ’na h-àite maoin na cruinne so; Ged b’ ann an bothan-àiridh bu leam-sa gràdh na cruinnaig ud Cha mhinic talla rioghail ’s am faighte ’n aoidh a bhuineadh dhomh. Seinn cliù, etc. ’S truagh gun bhi ’n duigh le m’ annsachd ’s an t-sean-doigh ghasda bhòidheach ud ’Cur seachad tim an t-Samhraidh ’an Còmh’l nan gleannta seòbhragach! Measg pailteas gruth a’s uachdair, ceòl chuach a’s caidreamh neò-chiontach Gu’n caitheamaid ar ’n ùine cho sunntach ris na smeòraichean! Seinn cliù, etc. Seinn cliù na h-ainnir bhòidheich ud, Ròsan an Leth-bhaile, A chaileag laghach mhòdhar ud, Ròsan an Leth-bhaile; B’e latha ’n t-sonuis dhomh-sa na là sin a bheireadh dhuinn, Air ais gu tìr a h-òige Ròs bòidheach an Leth-bhaile. Seinn cliù, etc. ORAN MOLAIDH AIR CLIABH A THUG CALUM MAC-IONMHUINN, DO’N UGHDAR LE IAIN MAC-A’-BHRUITHAINN. An cliabh a gheall dhomh-sa Calum, ’S ioma’ latha ’bha e ’fàs, Thug e bliadhna ’buain nan aisnean, A’s seachduinn ga ’n cur an sàs; [TD 401] Thug e ’n t-slat chuir á New Zealand, ’S an iris á Beinn-nan-cnàmh, ’S an t-slat bheòil á rìoghachd na h-Eiphit, ’S á Eirinn slatan a’ mhàis. Cha ’n ioghnadh an cliabh a bhi riomhach, ’S ioma’ tìr san d’ rinn e fàs; Bha na slatan bòidheach, dìreach, Air an sgrìobadh gus am bàrr: Theannaich Calum e cho dìonach, ’S nach rachadh prìn’ ann ’an sàs, ’S ghiùlaineadh e ’làn do ’n fhìor-uisg’ Eadar an Eilid ’s Beinn-bhàin; Cha ’n fhaca aon riamh a leithid, Eadar an Eilid ’s Beinn-bhàin, E sleamhain mar bhòrd o’n lochdair, Shuidheadh e socair air blàr; Cha robh e cubach, no sgeubach, ’S an aon leud gu ruig’ a mhàs; ’S ged a chuirte bolla buntàt’ ann, Cha bhitheadh ach pàirt de làn. ’S ioma’ aon a bha g’a amharc, Eadar Sannaig ’s an Aird-mhòr— Fear de na thàinig g’a amharc, Thairg e gamhainn air a’s bò; Ach ged a thairgeadh Miss Burdett, A h-uile peighinn th’ aic a dh-òr, ’N uair a thigeadh i a shireadh, Cha ’n fhaigheadh i ’n iris na dòrn. Tha mis’ a’ d’ chomain a Chalum, ’H-uile latha ’bhios mi beò; ’S ma thig do ghnothach a’m’ rathad, Ni mi amas mar is còir— [TD 402] Olaidh mi dram air do bhanais, ’An aon bhaile ’m bi i ’m chòir; ’S ged nach dean mi ’bheag de ’n dannsa, Creimidh mi ’n cnaimh ’bhios a’m’ dhòrn. AN T-EILEIN COLASACH. LE DONNACHAIDH MACLUGAIS. SEISD.— Nach bòidheach a sheallas an sneachd air Beinn-mhòr, Nach bòidheach a sheallas an sneachd air Beinn-mhòr, Nach bòidheach a sheallas an sneachd air Beinn-mhòr, Mar an eala ’s i cadal ’na laidhe air lòn. Ma’n do dh’ fhag mi an t’ ait’ ’s an deachaidh m’ àrach a’m’ òig Far a faighte gach tràth, baine-blàth air son òl, Bha mi aighearach, inntinneach; cinnteach gu leòir, ’S mi gun chùram gun chostas am Port-an-tigh-mhòir, Nach bòidheach a sheallas, etc. Aig gach aon air an fhearann a b’aithne dhomh féin, Bha’m pailteas gach latha agus barrachd ’s am feum; ’S bha coirc’ agus pòinir a’s eòrna fodh dhéis, A’ fàs ann gach bliadhn’ air son biadhadh an treud. Nach bòidheach a sheallas, etc. ’S an òg-mhaduinn cheitein ’n uair dh’éireadh a’ ghrian, Thar Baile-na-h-àirde le blàth’s fodh a sgiath; Bhiodh na h-eòin anns na geugan, an spréidh air an t sliabh, ’S am buachil’ nan déidh mar a dh’fheumadh e riamh. Nach bòidheach a sheallas, etc. [TD 403] A Chill-òrain na’m pàircean ’sam b’àbhaisd na treuin A bhi falbh do ghach ceàrna ’s an deanamh iad feum, ’S ged is tric anns na blàir bhiodh na gàbhaidhean geur, Chuireadh gaisge nan Gàidheal air an nàmhaid an réis. Nach bòidheach a sheallas, etc. ’S e mo bheachd nach robh fathasd ’s na h-eileinean ’n iar, Daoin’ uaisle cho barraicht’ le foighdinn ’s ciall, Mar uain aig a’ bhaile, s’ a chath a’ bhiodh dian, Cloinn Nèill nan làmh-dhearg, bha iad ainmail o chian. Nach bòidheach a sheallas, etc. Cha téid agam air innseadh na sgrìobhadh le peann, Na chuir sios ann an òran gach sòlas a th’ ann, ’S on a bha mi na’m phàisd’ mi gun tàmh cuir air ainm Agus bithidh gu bràth fad ’s a’s Gàidhlig mo chainnt. Nach bòidheach a sheallas, etc. Bu mhaith bhi ann daonnan seach taobh Loch-nan-Ceall, Fo dhubhar nan sliabh gus ’n do liath e mo cheann, ’S nach fhaic mi ach caoirich, na daoin’ cha’n ’eil ann, ’O na sgaoileadh a’ chuideachd bha ’m Muile nam beann. Nach bòidheach a sheallas, etc. S e chuir mis’ ann am Muile fo mhulad ’s fo bhròn, Nach fhaic mi mo chruinneag ’s nach toir i dhomh pòg, ’S e nach fhaod mi bhi làmh riut a chràidh mi cho mòr, ’S ged tha Nolluig aig càch, air bheag stàth tha i dhomhs’. Nach bòidheach a sheallas, etc. Ach ’s e dh’fheumas mi strìochdadh ’s bhi ’sìor chuir air dòigh, Tha mi cinnteach nach pàigh e bhi fàsgadh nan dòrn, ’S on a tha mi gun bhàta bhiodh sàbhailt le seòl, Théid mi null ’s an “Dunàra” mar fàilnich mo phòchd’. Nach bòidheach a sheallas, etc. [TD 404] ’DIREADH A MACH RI BEINN-SHIANTA. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN, NACH MAIREANN. AIR FONN. “O! ho na daoine truagha.” ’Dìreadh a mach ri Beinn-Shianta, Gur cianail tha mo smuaintean. A’ faicinn na beinne ’n a fàsach, ’S i gun àiteach air a’ h-uachdar. ’Sealltuinn a sìos thar a’ bhealaich ’S ann agam-sa tha ’n sealladh fuaraidh. ’S lionmhor bothan bochd gun àird air, Air gach taobh ’n an làraich uaine. Agus fàrdach ’tha gun mhullach, A’s na thulaich aig an fhuaran. Far an robh ’n teine ’s na pàisdean, ’S ann is àirde dh’ fhàs an luachair. Far an cruinnicheadh na h-àrmuinn Feuch a’ chaora bhàn le ’h-uan ann. Ach, ’fhir shanntaich ’rinn an droch-bheairt, Liuthad teaghlach bochd a ghluais thu! ’S iomadh dìlleachdan ’tha ’n ganntar, Agus banntrach a tha truagh leat. An dall, an seann duine, ’s an oinid, ’Toirt am mallachd air do bhuaireas. [TD 405] Smuaintich féin ’n uair théid thu null bh’ uainn Mar bheir Rìgh-nan-dùl do bhuaireas. B’ fheàrr gu’n cuimhnicheadh tu tràth air Mu’n tugadh am bás do ’n uaigh thu. An ceannaich thu le beairteas tròcair? Cha dean òr gu bràth a bhuannachd. ’Bheil thu ’n dùil gu’m faigh thu saorsainn Leis na caoirich ’s do chuid bhuailtean B’ fheàrr dhuit beannachdan an fheumnaich, D’ an tugadh tu’n déirc’ ’an uaigneas. B’ fheàrr a bheannachdan le dùrachd, Cridhe brùite ’g an cuir suas dhuit. Ge b’e àit am faigh iad fearann Mìle beannachd leis na ghluais thu. Dhùmhlaich an ceo air Beinn-Shianta, Thug a’ ghrian a sìos an cuan oirr’. Thàinig duibhre air an iarmailt, ’S cuiridh mise crioch ri m’ dhuanaig. ’S MI FAGAIL MO DHUTHCHA. LE DUGHALL MACLACHAINN. AIR FONN.—“Gur tu mo bhean chomuinn. S mi fàgail mo dhùthcha tha mo shùil as mo dhéigh ’Nuair a dhìrich mi m’ bruthach thug mi sùil air an treud, Bha’n gleannan shios fodham làn do chrodh mar an fhéill, ’S na laoigh bheaga cho uallach ruith cho luath ris na féidh. [TD 406] [taobh-duilleig 460 san leabhar fhèin] Shuidh mi sìos air an toman bu neo-thog’rach mo ghleus, Dol a dheanadh dhuit òran a ghlinn bhòidheich na spréidh, ’S do bheanntanain àrda is àille fò’n ghréin, G’am fhalach bho m’ chàirdean a’s m’ fhàrdach nam dhéigh. ’S mithich dhomh-sa bhi ’g éiridh bhon tha’n t-astar cho mòr Tha na luingeas aig acair ach tha ’m acaid-sa mòr; Tha gach ni a cuir ás dhomh, chaill mo chasan an treòir, ’S mo chridhe cho brùite ’s mo shùilean làn dheòir. Aon sealladh dhomh fhathast air na srathaibh gu léir Aon sealladh dhomh fhathast air a bhaidein tha ’m dhéigh Mìle beannachd le Lachann, ainm m’ athar na tréig, Lean thusa a dhòighean air chòir anns gach ceum. Tha m’ inntinn fo luasgan bhi gluasad nan seòl, An acair ri guallainn ’s an trom chuan fo sròin; Tha mise mar chreutair ’san t-eug air mo thòir, B’ fheàrr nach dh’ fhàg mi mo chéile, b’e ’n eubhachd bhi d’ chòir. Air bhàrr nan tonn dù-ghorm rinn sin stiùireadh gu fòil, Bha ’n oidhche air dùnadh ’s gun do bhrùchd oirnn an ceò; Ach ar sgiobair bha tùrail, cha tug sùil far nan seòl, Fo stiùireadh na combaist, ’s an trombaid na dhòrn. Aig bristeadh na maidne bha ’n cladach ga ’r còir, Gu’n do thilg sinn an acair ach bha m’ acaid-sa mòr, Na’m shìneadh air déile cha robh léigh ann air bòrd, A bheireadh dhomh cobhair ged a gheibheadh e òr. Trì fichead mìle dhomh fathast tha ’n t-astar sin buan, Ma’n ruig mi thu Anna ’s bithidh mi fallain gu luath; Ma lean thu ri d’ àbhaist bu mhòr do gràdh dhomh ’s gach uair Bho ’n a bha mi na ’m phàisde gus an dh’fhàs mi a suas. [TD 407] A GHLINN UD SHIOS. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN NACH MAIREANN. AIR FONN.—“My love is like a red, red rose.” A ghlinn ud shìos, a ghlinn ud shìos, Gur trom an diugh mo shùil, A’ dearcadh air do lagain àigh Mar b’ àbhaist doibh o thùs. Tha do choilltean fathasd dosrach, àrd, ’S gach sìthein àillidh, uain’; A’s fuaim an lùb-uillt nuas o d’ fhrìth’ ’N a shuain-cheòl sìth ’am chluais. Tha ’n spréidh ag ionaltradh air do mhàgh,— Na caoraich air an raon; Tha ’churra ’g iasgach air do thràigh, ’S an fhaoileann air a’ chaol. Tha guth na cuthaig air do stùchd, An smùdan air do ghéig,— Os ceann do lòn tha ’n uiseag ghrinn Ri ceileir binn ’s an speur. Tha suaimhneas anns gach luibh fo bhlàth.— Bàigh air gach creig a’s cluain, ’A toirt ’am chuimhne mar a bha Na làithean ’thàrladh uainn. Fuaim do chaochain, fead na gaoith’, A’s luasgan àrd nan geug, ’G ath-nuadhachadh le còmhradh tlàth Nan làithean àigh a thréig. Ach chi mi d’fhàrdaich air dol sìos, ’N an làraich’, fhalamh, fhuar; Cha’n fhaic fear-siubhail far an stùichd Na smùidean ’g éiridh suas. [TD 408] Do ghàradh fiadhaich ’fàs gun dreach, Gun neach g’ a chur air seòl, Le fliogh a’s foghnain ann a’ fàs. ’S an fheanntag ’n àite ’n ròis. O! c’àit’ am bheil gach caraid gaoil ’Bu chaomh leam air do learg? A chuireadh fàilte orm a’ teachd, A’s beannachd leam a’ falbh. Tha ’chuid a’s mò dhiubh anns an ùir, ’S an t-iarmad, fada dh’ uainn, Dh’ fhàg mis’ am aonaran an so, ’N am choigreach nochdta, truagh. ’N am choigreach nochdta, truagh, gun taic’, ’S an acaid ann am chliabh,— ’N acaid chlaoidhteach sin nach caisg ’G am shlaid a chum mo chrìch’. ’G am shlaid a chum mo chrìch le bròn, Ach thugam glòir do ’n Tì, Cha tug e dhomh-sa ach mo chòir— Ri ’òrdugh bitheam strìochdt’. Tha lòchran dealrach, dait’ nan speur Air teurnadh sìos do ’n chuan, A’s tonnan uain’ na h-àirde ’n iar Ag iadhadh air mu’n cuairt. Sgaoil an oidhch’ a cleòc’ mu’n cuairt,— Cha chluinn mi fuaim ’s a’ ghleann; Ach an céardabhan, le siubhal fiar, Ri ceòl a’s tiamhaidh srann. A ghlinn ud shìos, a ghlinn ud shìos,— A ghlinn a’s ciataich’ dreach, A’ tionndadh uait ’dhol thar do shliabh Mo bheannachd sìorruidh leat! [TD 409] ’S DUBH ’CHOISICH MI ’N OIDHCHE. ’S dubh ’choisich mi ’n oidhche, Chum na maighdinn bu bhòidhche, Chaidh mi còr a’s naoi mìle, Anns an tìr ’s gun mi eòlach. Chaidh mi còr a’s naoi mìle, etc. ’S’n uair ràinig mi ’m baile Cha robh dad mar bu chòir dha. ’S ’n uair ràinig mi ’m baile, etc. Cha robh air’ air luchd-gaoil ann, ’S cha robh miadh air luchd-òil ann. Cha robh air’ air, etc. Bha na mnathaibh ri fuaghal, ’S bha na gruagaichean brònach. Bha na mnathaibh, etc. ’S bha mo ghràdh-sa bu dìlse, Na sìneadh ’s an t-seòmar. ’S bha mo ghràdh-sa, etc. Na laidhe fo’n uinneig, Far nach cluinn i mo chòmhradh. Na laidhe fo’n uinneig, etc. Na sìneadh air déile, Na léine fhuar, reòite. Na sìneadh, etc. Dhomh-sa b’ aithne do bheusan ’Bhi gun leumraich gun mhòr-chuis. Dhomh-sa b’ aithne, etc. Ghlac thu ciall agus gliocas Mòran tuigs’ agus eòlas. [TD 410] Ghlac thu ciall, etc. Bha d’ fhalt mar an dìthein, ’Bhios a’ cinntinn ’s an eòrna. Bha d’ fhalt mar an, etc. ’N uair a chuireadh tu cìr ann, ’S ann a’ chìteadh fiamh ’n òir air. ’N uair a chuireadh, etc. Bha thu maiseach a’s beusach, Bha thu spéiceal, neo-spòrsail. Bha thu maiseach, etc. Fhir a chruthaich an saoghal, Cum mi gun fhàs gòrach. Fhir a chruthaich, etc. Cum mo chiall rium ’s mo ghliocas, Gus an tig thu ga m’ fheòraich. Cum mo chiall rum, etc. ’S dubh choisich mi ’n oidhche, Chum na maighdinn bu bhòidhche. ’S dubh choisich, etc. Chaidh mi còr a’s naoi mile, Anns an tìr ’s gun mi eòlach. OCHOIN A RIGH, GUR E MI THA MULADACH. LE DÒMHNULL DRÒBHAIR, LOCH-AILLSE. SEISD.— Ochòin a Rìgh, gur e mi tha muladach! Nach robh mi thall an Loch-Aills’ a’ fuireachd leat, Far ’m bi na h-òigearan ’g òl nam buidealan, A’ gabhail òrain, ’s an stòp an urr’ aca. [TD 411] ’N uair chaidh sinn sìos bha gaoth ’n iar-eas againne, B’ e sud ar miann, ’s a bhi triall mar chaitheadh i; Bhi togail cùrsa o’s cionn nam bancaichean, A dh’ionnsaidh ’n Laoigh ’s bu neo-chinnteach cadal dhuinn. Ochòin a Righ, etc. Anns an oidhche bu chruinn am baideal sinn, ’S gu ’m b’fhad o chéile gach té ’s a’ mhaduinn diubh, Bha croinn ga ’n rùsgadh a’s siùil g’ an sracadh ann, ’S gur iomadh té ’chaill a céile leapach ann. Ochòin a Righ, etc. Mu ’n dà uair dheug ’s ann a shéid e buileach oirnn, ’S i ’tighinn a nall thar na beanntan Neurig, I ’falbh gu h-aotrom ri taobh nan rudhachan, ’S ’n uair dh’ at an fhairge bha ’caimb glé fhulangach. Ochòin a Righ, etc. ’N uair dhubh an speur a’s a shéid an fhras oirnn Sinn labhair “Seònaid,” a chionn bu tapaidh i, “Na gabhaibh cùram, tha smùir na maidne air, ’S fhad’ ’s mhaireas m’ aodach cha chluinn sibh m’ acain-se.” Ochòin a Righ, etc. Bha Dòmhnull Ruadh ann ’s bu chruaidh an curaidh e, ’S ann da bu dual bhi gu fuasgailt, furanach, A’n àm a’ ghnìomh cha bu strìth leis cuideachadh, ’S e ’rachadh suas ged bhiodh fuaim m’a h-ullagan. Ochòin a Righ, etc. Fhir a shiùbhlas a null thar bhealaichean, Thoir soiridh bhuam-sa a dh-ionnsaidh Ealasaid, Gur e ’n aon rud ’tha cumail maille orm, A ghaoth ’bhi tuath, an t-sid fuar, ’s clach mheallain ann. Ochòin a Righ, etc. [TD 412] A’s cha ’n ’eil àite nach bi mi bruidhinn ort, ’S am measg nan ceud thug mi spéis mo chridhe dhuit, Na h-uile uair gur a truagh a bhitheas mi, Mo chridhe brùite ’s mo shùil a’s snidh’ oirre. Ochòin a Righ, etc. [The following verses, to the same air, evidently belong to a different song.] Tha mi fo bhròn o’n là ’sheòl an Victory, Nach robh mi pòsd’ air an Rose bu mhate oirre, Bu luaineach m’ fheòil ’n uair bu bhòidhche bheatadh i, Bu ghlan a cùrsa ’s a siùil ma seach oirre. Ochòin a Righ, etc. Tha mi fo éislein ás déigh an fhleasgaich ud A dh’ fhalbh an dé bh’uainn am beul an eadaraidh, Air m’ fhacal fhéin gu bheil m’ inntinn leth-tromach, Air fear ’chùil dualaich ’s na gruaige leadanaich. Ochòin a Righ, etc. Bidh eòin an t-sléibh a’s gach creutair neo-chiontach, A’ gabhail tàimh ann an sgàth nam machraichean, Tha mise ’m ònar ’s an seòmar glaist’ orm, ’S mo ghaol a’ seòladh mar cheò na maduinne. GU’M BU SLAN DO NA GILLEAN. SEISD.— Hao rìthill à hó, Na hì rìthill èile, ’S na hì rìthill à hó. Gu ’m bu slàn do na gillean, Thug an linne mu thuath orra. Hao rìthill, à hó, etc. [TD 413] Anns a’ bhàta dhuibh, dharaich, ’S ro-mhath ghearradh i ’m fuaradh. Hao rìthill, à hó, etc. Ge b’ e rachadh ga’n tilleadh, Bhiodh an iomairt glé chruaidh orra. Hao rìthill, à hó, etc. Bhiodh leus air am basan, A’s lasan ’nan gruaidhean. Hao rìthill, à hó, etc. Bha Eòghan a’s Ailein. A’s Alasdair Ruadh ann. Hao rìthill, à hó, etc. Bha Eòghan MacPhàraig— Cùl fàinneach nan dual, ann. Hao rìthill, à hó, etc. Dé ma chaidh do bhàthadh, B’ ro-mhath ’n snàmhaiche cuain thu. Hao rìthill, à hó, etc. ’S math a shnàmhadh tu ’n linne, Eadar Muile a’s Suaineart. Hao rìthill, à hó, etc. Och nan och, mar a thà mi, ’S mi air àiridh ’n Gleann-cuaiche! Hao rìthill, à hó, etc. Mi leigeil nan gobhar ’S a’ bleodhan cruidh guaill-fhionn. Hao rìthill, à hó, etc. [TD 414] Cia-mar gheobh mi nochd cadal ’S mi air leaba gun chluasaig? Hao rìthill, à hó, etc. ’N déigh na fhuair mi dhroch cleachdainn ’N àm leantainn nan uaislean. Hao rìthill, à hó, etc. ’N uair bhiodh neapaicean sìoda Cumail dìon air mo ghuaillean. Hao rìthill, à hó, etc. Tha mise ga m’ leònadh ’S gun mi chòir mo chuid sluaigh-se. Hao rìthill, à hó, etc. AILEIN DUINN, A NI ’S A NAIRE. Ailein duinn, a nì, ’s a nàire, SEISD.— I na hug oruinn oho, I na hirì, rihiù. ’S goirt, ’s gu ’n daor a phàigh mi màl duit, I na hug oruinn oho, etc. Cha chrodh-laoigh, no caoraich bhàna, I na hug oruinn oho, etc. Cha bhola, cha pheic, ’s cha mhàm e, I na hug oruinn oho, etc. Cha ’nì, cha ’n innseiridh, ’s cha ’n eàirneis, I na hug oruinn oho, etc. [TD 415] Ach an luchd a thaom am bàta, I na hug oruinn oho, etc. Bha m’ athair oirre, ’s mo thriùir bhràithrean, I na hug oruinn oho, etc. ’S laogh mo chuim a rinn mi àrach, I na hug oruinn oho, etc. Cha ’n e sin a léir ’s a chràidh mi, I na hug oruinn oho, etc. Ach am fear a ghlac air làimh mi I na hug oruinn oho, etc. Leathanach a’ bhroillich bhàn-ghil, I na hug oruinn oho, etc. A thug o’n Chlachan Di-màirt mi, I na hug oruinn oho, etc. Ailean donn, b’e beul a’ mhànrain, I na hug oruinn oho, etc. A Rìgh nam fear! bu mhòr do ghràdh dhomh, I na hug oruinn oho, etc. Dh’ aithnichinn a’n toiseach bàt’ e, I na hug oruinn oho, etc. Fhir chòta ghuirm ’s na léine bàine, I na hug oruinn oho, etc. Fhaoleag bheag thu, fhaoleag mhar’ thu, I na hug oruinn oho, etc. Fhaoleag a shnàmhas gach calladh, I na hug oruinn oho, etc. Thig a nall a’s innis naigheachd, I na hug oruinn oho, etc. [TD 416] C’àit ’an d’ fhàg thu na fir gheala, I na hug oruinn oho, etc. “Dh’ fhàg mi iad ’s an eilein mhara, I na hug oruinn oho, etc. Cùl ri cùl, a’s iad gun anail, I na hug oruinn oho, etc. Beul ri beul a’ sileadh fala,” I na hug oruinn oho, etc. O, gur mise th’ air mo sgaradh, I na hug oruinn oho, etc. Gu bheil do leaba anns an fheamainn, I na hug oruinn oho, etc. Gur h-iad na ròin do luchd-tighe, I na hug oruinn oho, etc. Do choinnlean àrd na reultan geala. I na hug oruinn oho, etc. ’S do cheòl-fìdhle gaoir na mara, I na hug oruinn oho, I na hirì rihiù. [TD 417] EILEAN AN FHRAOICH. LE MURACHADH MACLEOID. Tha Leòghas bheag riabhach,—bha i riamh ’s an Taobh Tuath,— Muir tràghaidh a’s lìonaidh ’g a h-iadhadh mu ’n cuairt; ’N uair a dheàrrsas a’ ghrian oirr’ le riaghladh o shuas Bheir i fàs air gach sìol air son biadh dha’ ’n t-sluagh. FONN.— A chiall nach mise ’bha ’n Eilean an Fhraoich! Nam fiadh, nam bradan, nam feadag, ’s nan naosg! Nan lochan, nan òban, nan òsan ’s nan caol— Eilean innis nam bò, ’s àite-còmhnuidh nan laoch! An t-Eilean ro mhaiseach, gur pailt ann am biadh; ’S e Eilean a’s àillt’ air ’n do dheàlraich a’ ghrian; ’S e Eilean mo ghràidh-s’ e, bha ’Ghàidhlig ann riamh; ’S cha ’n fhalbh i gu bràth gus an tràigh an Cuan Siar! ’N àm éiridh na gréine air a shléibhtibh bidh ceò, Bidh ’bhanarach ghuanach ’s a’ bhuarach ’n a dòrn, Ri gabhail a duanaig ’s i ’g uallach nam bò, ’S mac-talla nan creag ri toirt freagairt d’ a ceòl. Air feasgar an t-samhraidh bidh sunnd air gach spréidh; Bidh ’chuthag a’s fonn oirr’ ro òran di féin; Bidh uiseag air lòn agus smeòrach air géig, ’S air cnuic ghlas a’s leòidean uain òga ri leum. Gach duine ’bha riamh ann bha ciatamh ac’ dha, Gach ainmhidh air sliabh ann, cha ’n iarr ás gu bràth; Gach eun ’théid air sgiath ann bu mhiann leis ann tàmh; ’S bu mhiann le gach iasg a bhi ’cliathadh ri ’thràigh. Na’m faighinn mo dhùrachd ’s e ’lùiginn bhi òg, ’S gun ghnothach aig aois rium fhad ’s a dh’ fhaodainn bhi beò; Bhi ’n am bhuachaill’ air àiridh fo shàil nam beann mòr’ Far am faighinn an càis’ ’s bainne blàth air son òil. [TD 418] Cha ’n fhacas air talamh leam sealladh is bòidhch’ Na ’ghrian a’ dol sìos air taobh siar Eilean Leòghais; ’N crodh-laoidh anns an luachair, ’s am buachaill’ ’n an tòir, ’G an tional gu àiridh le àl de laoidh òg’. Air feasgar a’ gheamhraidh théid tionndadh gu gnìomh Ri toirt eòlais do chloinn bidh gach seann duine liath; Gach iasgair le ’shnàthaid ri càradh a lìon, Gach nighean ri càrdadh ’s a màthair ri snìomh. B’e mo mhiann bhi ’s na badan ’s ’na chleachd mi bhi òg, Ri dìreadh nan creag anns an neadaich na h-eòin; O’n thàinig mi ’Ghlaschu tha m’ aigneadh fo bhròn, ’S mi ’call mo chuid claistneachd le glagrich nan òrd. AN COMUNN. An raor chunnaic mi ’m bruadar, Rìbhinn shuairce ’bhi ’m chòir; Beul meachar, gun ghruaman, O’n suairce ’thig glòir: ’Nuair ’dh’éirich mi m’ shuidhe Los ruigsinn air pòig, Cha b’ fhasa dhomh faotainn Na reult as na neòil. SEISD.— Chaidh an comunn, an comunn, Chaidh an comunn air chùl; Dhealaich comunn ri ’chéile, ’S deanaibh féin d’e sgeul ur; O nach robh mi cho gleusta ’S gun tugainn beum air do chùl, Sgaoil an comunn o chéile, ’S thug e deur air mo shùil. [TD 419] ’Nigh’n òg a chuil dualaich, Bha mi uair a’s tu réidh; ’Nis’, o ’n thionndaidh thu d’ fhuath orm, Tha mi suarrach mu d’ dhéibh’n: Chuir thu d’ air’ air duin’ uasal; Deang an cruas, ’s dean de feum: Dh’ fhàg thu mise mu ’n cuairt duit Mar chaora fhuadain air spréidh. Dh’ìnnsinn aogas mo leannain— Cùl clannach, cas, dlùth; Riut a dhealaicheas gach sgainneal, Riut a leanas gach cliù: ’S àluinn sìneadh do mhala, ’S glan sealladh do shùl’, Aghaidh shoilleir an sgàthan— ’S glan deàrrsadh do ghnùis’. A cheithir bliadhna na taic’ so, Ghabh mi tlachd dhiot an tòs; Le sùgradh ’s le macnus, Mar a’s cleachd le cloinn òig; Bha car fo d’ laimh-se gun fhios domh Nach do dh’fhiosraich mi ’nòs;— Dh’fhàg thu mise mar thalcais,— Beannachd leat, ma ’s i ’chòir. GLEANN CHILL-A’-MHARTAIN. LE EOBHAN MAC GILL’ IOSA. AIR FONN.—“Mo rùn geal dileas,” no “Còire-cheathaich.” Gleann Chill-a’-mhàrtain far an d’fhuair mi m’àrach, ’S e ’n gleann is àillidh leam tha fo’n ghréin, Le thulaich neòinein s’ le shliosaibh bòidheach, ’S a shraithean chòmhnard tha math gu feum. [TD 420] Gur grinn an smeòrach a’ seinn ’s an òg-choill, Bho mhoch gu glòmainn le h-òran réidh, Gur binn’ i mòran na fidh’l an seòmar, An uair a b’ òrdail a bhiodh i ’n teud. ’S e bheir dhomh sòlas ’s a’ mhaduinn bhòidheich, ’Nuair thogas òigridh orra ’n bheinn, A’ dol do’n bhuaile a’s luinneig uallaich, Am beul gach gruagaich, ’s e thogas m’ fhonn. Le’m falt donn, dualach, a’ sios mu’n guailean, ’S e cas-bhuidhe, sguabagach, dualach, donn, Air sniomh cho sniomhain s’ nach dochain cìr e, ’S e thogadh m’ inntinn s’ cha bhidh i trom. ’Nuair thig bhliadhn’-ùr oirnn bidh buidhean lùghor A’ cluich na dùlain air aodan lom, Le darach làidir an làimh gach àrmunn, A’ cur na bàrach gu làidir teum. Le fallus braonach a tigh’n bho’n aodan, Bho aoidh gach laoich le faobhar nach fann, ’S am fear bu lùghora ’s a gheibheadh dlùth orra, ’S e bhuidhneadh cliù dhi le lùghs nan lann. Ach bho’n thàinig caochladh air an taobh so, Dh’ fhalbh na daoine, cha’n ’eil iad ann, ’S bho’n thàinig caoraich cho pailt air raointean, S e dh’fhàg mi faondrach anns an àm. S e fàth mo smuairean bhi dol air ghluasad, A null thar chuantan do thìr nan crann, A chluich na tuaighe ri gaoith s’ ri fuachd, ’S e thog am buaireadh so ann am cheann. ’S mi dol troimhe ’n dùthaich moch maduinn chiùin, Bu tearc na smùidean a chithinn ann, ’S e thog dhomh tùrsa a’s cridhe brùite, ’S ann shil mo shùilean is dh’fhàs mi fann. [TD 421] An gleann a b’àillidh ’san robh na Gàidheil, ’S an robh mo chàirdean-sa bhos a’s thall, ’S e thog mi n’ àrdan ’s mo chridhe làn deth, E ’n diugh ga àiteach aig clann nan Gall. Mu’n dean mi fhàgail ’s ann ni mi n’ dàn so, A dh’inns’ do m’ chàirdean mi’ bhi ’s a’ ghleann, ’S gu’n d’fhuair mi m’ àrach a bhos mun bhràighe, A measg nan àrmuinn a b’fheàrr a bh’ann. Ach bho ’n ’s e ’s dàn domh bhi dol thar sàile, ’S e dh’fhàg mi cràiteach ’s mo chridhe trom, Ma ni mi d’fhàgail a bhean nam blàth-shùil Cha’n fhaighear slàinte gu bràth am chom. A’ CHUAIRT-SHAMHRAIDH. LE SEUMAS MUNRO. FONN.—“’S i sud an deoch mhilis,” etc. SEISD.— Hug óro, mo leannan, Thig mar-rium air chuairt Do dh’ùr-choill’ a’ bharraich ’S an tathaich a’ chuach; Hug óro, mo leannan, Thig mar-rium air chuairt. Tha gruaman a’ Gheamhraidh Air fàgail nam beannta, ’S e ’sruth anns gach alltan ’Na dheann ruith a nuas. Hug, &c. [TD 422] Tha aodann nan sléibhtean A’ deàrrsadh gu ceutach; ’S na lusana peucach Ag éirigh le buaidh. Hug, &c. Tha Samhradh an òr-chuil A’ riaghladh le mòr-chuis, ’S an saoghal ri sòlas Gu’n d’ fhògair e ’m fuachd. Hug, &c. Na h-eòin ’s iad ri coireal Feadh ghrianan na coille, ’S na sóbhraichean soilleir ’Cur loinn’ air gach bruaich. Hug, &c. Tha ’ghrian feadh nan glacagan Gormanach, fasgach, ’S gu’m b’aoibhinn bhi leat-sa, A’ dearc’ air an snuadh! Hug, &c. ’S do shnuadh féin cho greannmhor Ri gàire an t-Samhraidh Feadh fhlùran a’ dannsadh ’S na gleannta mu ’n cuairt! Hug, &c. O! tiugainn, a leannain, Do choille nam meangan, ’S gu’n ùraich sinn gealladh ’Bhi tairis gu buan. Hug, &c. [TD 423] ORAN DO SHINE WOODROW, NIGHEAN MINISTEAR A BH’ ANN AN ILE, LE DEORSA CAIMBEUL, LIGHICHE. Chunnaic mi’n òigh is bòidhch’ air thalamh, Do phòg air bhlas meall’, a chaoin chagair mo chrìdh’, Dhùr’ginn do phòsadh le deòin gach caraid, Gun òr, gun earras, cha ghabhainn ach i. Tha mi fo ghruaim, ’s cha dual dhomh bhi maireann, Mu’n sgeula so fhuaras Di-luain thar a’ Chaoil, Gu’n do chaochail gach ùis, ’s gach suairceas banail, ’S gach suaimhneas, carantachd, gean agus gaol. Ma thug thu rium cùl, ’s gu ’n d’ dhiùlt thu m’ fhuran, ’S mi giùlan mulad le fulangas buan, Na ’n deanadh mo shùil an driùchd a chumail, A rùin cho chluinnte mi tuillidh ga d’ luaidh. Tréigidh a’ ghrian an iarmailt buileach, Sguiridh na sruthain a ruith gus a’ chuan, Mu’n lughdaich mo spéis do’n gheug is luraich’, Ach ’s ’eudar cur leis, ma thug thu dhomh fuath. Ach so dhuit mo làmh le càirdeas tairis, ’S le blàths’ a mhaireas ma bhitheas mi beò, ’S na cum mis’ a ’ghràidh ga m’ chràdh ni ’s fhaide, ’S do ghràdh ga m’ mhealladh, ’s nach fhaigh mi ort còir. ’S mi siubhal nam beann, ’s nan gleann fo airtneal Bho dhubhar an latha gu sgaradh an neòil, ’S nan sìninn mo thaobh a dh’fhaotainn cadail, B’e fraoch mo leaba ’s na baidealaibh ceò. [TD 424] BEANNACHADH LEANNAIN, LEIS AN URRAMACH A. STIUBHART, ’AM BUN-LOCHABAR. Beannaich a Dhia mo leannan gaoil, Is àille dreach ’s as eutrom ceum, Beannaich i an tùs a h-òige, A’s dìon an òigh d’an tug mi spéis! Beannaich a dà shùil dhonn, bhòidheach ’Rinn mo chridhe ’leòn air tùs, A cùl dubh, bachlach, cuachach, Dà chaol mhala ’s gruaidh mo rùin: Beannaich a h-uchd ’s a broilleach fior-gheal, Air an àille sìoda ’n sròl, A gàirdean réidh ’s a caol-mheòir ealamh Air gach inneal ’s am bi ceòl, Beannaich a calpa cruinn ’s a caol, ’Siubhal eutrom gun bhi fann, Ceum nach froiseadh dealt thar feòirnein, Finnealt’ seòlt’ air ùrlar danns’; ’Athair, ’Mhic, ’s a Spioraid Naoimh! An Co-Dhia ’an Aon is àirde glòir, Beannaich an rìbhinn òg ’na com O mhullach ’cinn gu bonn a bròig! Beannaich gach deadh bheus a’s buaidh Anns an d’ fhuair i urram mòr, Bàigheil, banail, bandaidh, ciallach, Cridhe farsuinn, fialaidh, còir: Ann an neo-chiontachd a h-òige, Ann am bòicheadas a gnùis, ’Na maighdinn, ’na mnaoi-phòsd’ ’s na màthair, Beannaich gu bràth i ’Rìgh nan Dùl! Beannaich ar mòr ghaol d’a chéile, Dean e seasmhach, stéidhte, buan, Greas an t-àm ’s an toir i làmh dhomh, ’San goir mi bean mo ghràidh ri m’ luaidh. [TD 425] LUINNEAG ANNA NIC EALAIR. Is ann am bothan bochd a’ bhròin A chuir mi eòlas ort an toiseach; A’s thug mi thu gu tigh mo mhàth’r ’S an d’ rinn mi d’ àrach car tamuill. ’S e do ghaol-sa, a ghaoil,— ’S e do ghaol-sa rinn mo tharruing; ’S e do ghràdh-sa, a rùin, Rinn mo dhùsgadh ’s a’ mhadainn. Tha thu mar dhubhar carraig mhòir Am fearann sgìth is mi làn airsneil; ’N uair a thionndaidh riut mo shùil ’S ann bha thu an rùn mo ghlacadh. ’S ann a thug thu dhomh do ghaol Fo dhubhar craobh an aiteil; A’s comh-chomunn do rùin Ann an gàradh nan ubhall. Is millse leam do ghaol na’m fìon,— Seadh am fìon, ’nuair is treis’ e, ’S ’n uair a thug thu dhomh do ghràdh ’S ann a dh’ fhàilnich mo phearsa. ’S ann a thug thu dhomh do d’ ghràdh Gus an d’fhàilnich mo phearsa; ’S gus am b’ éigin domh a ràdh “Cum air do làimh a charaid.” ’S ann a dh’ éirich thu le buaidh As an uaigh suas le cabhaig, Amhluidh dhùisgeas do shluagh Suas le buaidh anns a’ mhadainn. [TD 426] ’S chaidh thu suas air ionad àrd Dh’ ullach’ àite do m’ anam; ’S tha thu ’g ràdh gu ’n tig thu rìs A choimh-lìonadh do gheallaidh. FUADACH NAN GAIDHEAL. LE EANRAIG MAC ILLEBHAIN. AIR FONN.—Lord Lovat’s March. Gur a mise ’tha tùrsach, A’ caoidh cor na dùthcha, ’S nan seann daoine cùiseil Bha cliùiteach a’s treun; Rinn uachdrain am fuadach, Gu fada null thar chuantan, Am fearann chaidh thoirt uapa, ’S thoirt ’suas do na féidh. ’S e sud a’ chulaidh-nàire, Bhi faicinn dhaoine làidir, “Ga ’m fuadach thar sàile Mar bhàrrlach gun fheum;” ’S am fonn a bha àluinn, Chaidh ’chur fo chaoirich bhàna, Tha feantagach ’s a’ ghàradh ’S an làrach fo fheur. Far an robh moran dhaoine, Le ’m mnaithean a’s le ’n teaghlaich, Cha’n ’eil ach caoirich-mhaola Ri fhaotainn na’n àit’, [TD 427] Cha ’n fhaicear air a’ bhuaile A’ bhanarach le ’buaraich, No idir an crodh guaill-fhionn, ’S am buachaille bàn. Tha ’n uiseag anns na spearan, A’ seinn a luinneig ghleusda, ’S gun duine ann g’a h-éisdeachd, ’N uair dh’ éireas i àrd; Cha till, cha till na daoine, Bha cridheil agus aoibheil, Mar mholl air latha gaoithe, Chaidh ’n sgaoileadh gu bràth. IORRAM NA H-IMRICH CHUAIN. CHAIDH na rannan dhrùidhteach so a chur r’ a chéile, bho chionn timchioll air dà bhliadhna dheug, leis an Urramach D. MacRath, an sgìreachd Nis, ann an Leódhas, air do àireamh mhór de ’n choimhthional aige—agus ’n am measg a’ chuid a b’ urramaiche de na seanairean, d’ an robh mòr spéis aige—’bhi air dol air imrich do Chanada. Chaidh sinne gu tràigh, A choimheadachd chàich: Cha till iad gu bràth, An taobh so! Long iaruinn fo ’m bonn,— A’ sadradh nan tonn: Tha feadhainn am fonn, ’S cuid tùrsach. Clann bheaga ri gàir’; Am mhathair fo phràmh; Fir mhor’ ann an sàs ’S iad ciùrrta; [TD 428] ’Fras-shileadh nan deur Gu tosdach, ach geur; A’ sealltainn ’n an déigh, Le cùram. Iad fein ’dol an iar, ’S an talamh ’dol siar; Cha ’n fhaicear leo sìon Ach Mùirneag.* Seall! Mùirneag ’dol uap’ ’Dol fodha ’s a’ chuan; Fir a’s mnathaibh gun tuar, ’G a h-ionndrainn. Ionndrainn eil’ ac’ ma tà, ’Toirt cridh’ goirt agus cnàmh, Luchd an gaoil a’s an dàimh, ’Toirt cùl doibh. Dh’ fhag sud iad ’n an déigh, Ni nach fagar ’s nach tréig, Comunn blàth latha Dhé ’S a’ chùbaid. Mu ’n tric ’chruinnich an sluagh, A Shàbaid ’s a Luain, Le mar aire ’s cluas, Do ’n sgeula. Leigeam seachad an dàn; ’S deanam ùrnuigh a ghnàth, Gu’n ruig iad cala a’s feàrr, Na Quebec! Beir an t-soraidh so uam, Gu America Tuath, Thun caoirich a’s sluagh Mo chùram. * The highest Mountain in Lewis. [TD 429] ’N deadh Bhuachaill’ e féin, Biodh rompa ’s ’n an déigh, Ga ’n dion o gach beud:— Sin m’ ùrnuigh. AM MARAICHE ’S A LEANNAN. LE MAIRI NIC-EALAIR. FONN—Màiri bhàn Dhail-an-eas. O, ’s mairg tha’n diugh feadh garbhlaich, ’S ri falbhan a measg fraoich; A’s gaithean gréin’ gu h-òr-bhuidh’ A’ dòrtadh air gach taobh; Gu’m b’fhèarr a bhi air bàrr nan tonn Air long nan cranna caol; ’S a’ faicinn nan seòl ùra Ri sùgradh anns a’ ghaoith. O, fhleasgaich òig, gur gòrach leam Do chòmhradh anns an uair, An fhraoch-bheinn ghorm ’g a sàmhlachadh Ri gleanntan glas a’ chuain; ’S gur tric is aobhar caoinidh leam A h-aon dh’ an d’thug mi luaidh, ’Bhi as mo shealladh fad air falbh Air bharraibh garbh nan stuadh. A rìbhinn òg dh’an d’thug mi gaol, B’e ’bhi ri d’thaobh mo mhiann, Bho’n chiad là riabh thug mi dhut spéis, Bu tu mo réul ’s mo ghrian, [TD 430] Ach taobh ri taobh, a luaidh ri d’ ghaol, Tha m’aigne ’g aomadh riabh, Gu marcachd nan tonn dùghorm A dh-aindeoin dùdlachd shian. O, leam bu mhiann a bhi ’s an luing, ’S an stiùir a bhi na m’ làimh, An uair bhios muir gu nuallanach, Na ’glinn ’s na stuadhan àrd, A’ brùchdadh barra-gheal fo a sròin, ’S le crònan seach a sàil; I ’g éirigh eutrom air gach tonn, A’s fonn oirre ri gàir’. I ’g éirigh eutrom air an t-snàmh, Mar eala bhàn ’s a’ chaol; Gach sgòd aice a mach gu ’cheann, ’S gach seòl a’ tarrainn gaoith’; I ’falbh le cuinnein fiadhta Thar tuinn a b’fhiadhaich gaoir, Mar steud-each cruidheach, uaibhreach, A thug mu ’chluas an taod. A’s ged a bhrùchdadh gaothan oirnn Le neart nam Faoilleach fuar A’s toirm na bagairt’ bàsmhoire ’Bhi ’m bàirich àrd nan stuadh, Le murrachd mhath a’s cùram, Gheibh an iùbhrach ghasd a’ bhuaidh; ’S thig fearalachd a’s mòralachd Ri linn na còmhstrìth cruaidh’. ’S an uair a thigeadh sìochaint, S’ a bhiodh grian a’ dèarsadh caoin Gu’m b’ aotrom ’bhi le ceòl a’s sunnd ’Cur siùil ri slàtan caol’; [TD 431] ’S an uair a bhiomaid dìomhanach Mo dhriamlach thar a taobh, A’s mi gu h-ait a’ seinn le fonn, “Mo nighean donn, mo ghaol.” “O, ’òigeir ùir, nach éisd thu rium, Ged ’s mòr do spéis do’n chuan, Cha mhair an òige daonnan, ’S ’n uair ’thig an aois le gruaim, Gur bochd an obair seann-duine Bhi mach feadh ghreann nan stuadh, Fo chathadh geal nam bòc-thonna Tre’n oidhche reòdhta fhuar. “O, ’s mairg ri dorchadas a’s stoirm, ’Bhios air a’ chladach leis Na gàirdeanan ’bha làidir Air fàilneachadh gun treis’, Tigh-soluis air an fhuaradh, A’s gaoth a’s cruaidhe fead Ga ’n sparradh chum an fhuaraidh, ’S an long mu’n cuairt cha leig.” “O, ’ainnir dhonn, na sil do dheòir, Mu bhròn nach tig a chaoidh, Tha’n Tì a’ riaghladh air a’ chuan, ’Tha ’riaghladh cluaintean fraoich; A’s ged, a luaidh, a thriallas mi Gu oirean cian an t-saoghail, Le Thoil-san thig mi sàbhailte Gu broilleach blàth mo ghaoil. A’s ged is goirt an dealachadh, Bidh ’n coinneachadh d’a réir, ’S ar cridheachan ’an dealas ùr A’ dlùthachadh ri chéil’, [TD 432] ’An gaol gun mheirg, gun fhàilneachadh Ach mar a bha gun bheud; Gach turus-cuain ’g a ùrachadh, A mhùirneag a’ chùil réidh. A’ MHAIGHDEAN ALUINN. LE EANRAIG MAC ILLEBHAIN. FONN.—“Slàn gu’n till na Gàidheil Ghasda.” SEISD.— Seinnam duan a nis do ’n mhaighdinn, A tha aoibheil, cridheil, caoimhneil, ’S lionmhor fear a’ bheireadh oighreachd Air son roinn do ghràdh a’ crìdh’. Tha mo leannan dreachmhor, dìreach, A’s na gluasad socair, sìobhalt’, Cha ’n ’eil maighdean anns an sgìreachd, Thig a nìos riut ann an gnìomh. ’S ann fo sgàile nam beann-àrda, Dh’ fhàs an rìbhinn a tha àluinn, Labhraidh i gu blasda ’Ghàidhlig, ’Chainnt is feàrr a tha ’s an tìr. Dh’fhàs i suas mar shóbhraig bhòidhich, Modhail, màlda mar an neòinein, Cha d’ fhuair amaideachd na gòraich Aite-còmhnaidh riamh na crìdh’. Tha a’ gruaidhean mar na ròsan, Gur e sud ’rinn mise ’leònadh,— Cha ’n ’eil ’h-aon anns an Roinn-Eòrpa Théid cho òrdail ris gach sìon. [TD 433] Tha mo ghaol-sa cridheil, ceòlmhor, Có ’na cuideachd a’ bhiodh brònach? ’N uair a theannas i ri òrain Faodaidh ’n smeòrach a bhi bìth. Falt a’ cinn na dhualan òrdail, Dheth, cha ’n ioghnadh i ’bhi spòrsail, Ceum gu bràth nach dochainn feòirnein, Meòir is bòidhche air an sgrìobh’. Cha ’n ’eil maighdean anns an dùthaich, Tha cho measail no cho cliùiteach, ’S iomadh h-aon a’ thug dhuit ùmhlachd, A’s a lùb dhuit anns gach nì. ’O n a chuir mi féin ort eòlas, ’S tric a bha sinn cridheil còmhla, Ach tha mis’ an diugh am ònar Dubhach, brònach, a’s thu ’m dhìth. ’S ged a tha mi fad’ air faontradh, Thall ’s a bhos air feadh an t-saoghail, Air mo spéis dhuit cha tig caochladh, Thug mi gaol dhuit ’bhios gun chrìch. EALAG CHAMARON. LEIS A’ GHREUSAICHE MHOR. Latha dhomh-sa a’s mi ’m aonar, ’S mi siubhal fraoich troimh ’n fhàsach, Gu ’n d’ dhrùidh an t-uisg’ air m’ aodach, A’s shaol leam a bhi bàithte; [TD 434] Bha ghaoth ’s an t-uisg’ ri m’ chluais-sa Cho cruaidh ’s nach cluinninn stàirnich— Ceud soraidh slàn do ’n ghruagaich ’Thug dhomh-s’ gun ghruaim an fhàrdaich. ’N uair ràinig mise ’n teaghlach Bu chaoimhneil rium bha Sàra, Fhuair mi cuid na h-oidhch’ ann, A’s roinn dhe ’n la-’r-na-mhàireach, A h-uile nì mar dhaoimein, Gun fhoighneachd ciod a phàighinn,— Ceud soraidh slàn do ’n mhaighdinn A rinn mo leaba chàradh. B’i sud an leaba chliùiteach, Gu ’m faodadh Diùc bhi pràmh innt’, Le iteagan a’s dùnnis, A’s cùirteaninn bha àluinn, Boustairean a’s cluasagan, A’s cuileag uaine ’s bhàn orr’; ’S ged bhiodh an reothadh cruaidh ann Cha mhòth’chainn fuachd gu bràth ann. ’N uair bha mi òg ’s mi gòrach, ’S mi-sheòltachd tigh’n an àird dhomh, Gu ’n deanainn-sa do phòsadh, Gun toil no deòin do chàirdean, Ach nis o ’n dh’ fhàs mi stòlda, ’S e ’n dòchas tha ’n am cheann-sa, Gu ’m b’ anns’ leam thu bhi còmhl’ rium, Na stòras Tighearna Ghrannda. ’S math thig gùn sìoda dhuit, A’s breacan rìomhach scàrlaid, Làmhan òr-gheal rìomhach Air do mhìn-bhasa bàna, [TD 435] An t-sùil is gloine lionas, ’S do bhian mar shneachd air chàrna, ’S ceud soraidh slàn do ’n mhaighdinn A rinn mo leaba chàradh. ’N uair théid thu suas do ’n Bhràighe, Bu tearc, a ghràidh, dhuit samhladh; A dheanadh muighe ’s càbag, ’S a dh’ àrach laoigh a’s ghamhna, Ged theirinn-s’, cha bu nàir’ e,— Ri annsa riut mar shamhladh, Pearsa dhìreach, àluinn; ’S b’ e ’n t-àilleagan ’s a’ ghleann thu. ’S ann an Ionar-Lòchaidh, Tha ’n seòrs’ dhe ’n bheil a’ mhaighdean, Gillean laghach, aoibheil, A fhuair mi daonnan caoimhneil; Camaronaich a’ chruadail, Gur tric a chualas ainm orr’— Ceud soraidh slàn do ’n mhaighdinn, ’S e ’s ainm dhi Ealag Chamaron. MOLADH CHINNTIRE. Soiridh soir bhuam gu Cinntìre, Le caoine, dìlse, agus fàilte, Gun àrd no ìosal a dhearmad, Eadar an Tairbeart a’s Abhart. Banaltra Galltachd a’s Gàilteachd, Ged a thréig i nis a h-àbhaist; Bha drùghadh gach tìr’ g’a h-ionnsaidh, ’S cha dùraig aon neach a fàgail. [TD 436] ’S cùbhraidh ’s gur fallain a fàileadh, Ag éirigh thar bhlàthaibh ’s thar ghéabha, Measarradh a Samhradh ’s a Geamhradh, Gun ainiochd stoirme no gréine. ’S aobhainn a cnoca ’s a cruacha; ’S àiridheach, buailteach a glinne. Bòthach, laoghach, meannach, uanach, Gruthach, bainneach, uachdrach, ìmeach. Gheibhteadh prostain àluinn, uasal, A’ ruagadh a’ bhruic uasail, cheannaird, Le coin ghrad-charach, ro lùthor, ’G a ’chur gu’ dhùbhlan air a charabh. Bidh an coileach ’s an tom gu sàmhach, A’s gadhair nan àmhuilt g’a ’chealgadh; A’s gus an glacar anns an lìon e, Cha smuain e innleachd an t-sealgair. A glinn a’s binne dùrdan-shrutha, ’Séinn romh shrathaibh fàsach, féurach, Luibheach, craobhach, meadhach, duilleach, Caoirich, cnodhach, subhach, sméurach. ’S eala carach, binn-ghobach, òrdail, A sheinneas an smeòrach ’s an fheasgar, An uiseag os a cionn gu h-uallach, An lòn ’s a’ chuach ag cur beus leò: Cha’n ’eil fear-ciùl ’s ’a choille chùbhraidh Nach seinn le dùrachd a chò-sheirm. Gu fileant, ealant, dìonach, siùbhlach, A’ roinn na h-ùine gu h-eòlach, An caomh comh-sheinn pongail, òrdail, Freagairt a mòram ’s a minim. Gu h-eignidh, geibnidh, teibnidh, ceolmhar, Orgain a’s glòrmhoire ’s a’ chruinne; Gu feart-tarnach, ceart-tarnach, ceutach, Gun bhuige, no géire, no dìth-cuim; A’ stad ’s ag aideachadh gu h-eòlach, [TD 437] A’ mealtainn sòlais ’us sìochaint A’ freagairt a cheile mu’n Ionbhar, ’M bi ’m breac ’s am bradan gu suilbhir Gu h-iteach, lannach, ballach, bruinne-gheal A’ mire ’s a léumraich ri ’n iorball. ’S fochlasach, biolaireach, a fuarain, ’An achlais gach cluain a’s gach tulaich, A’ brùchdadh mar chriostal ’an uachdar, Na h-ìocshlaint fionnoir, buadhaich, milis. A maghan seisneil, deisneil, rìoghail, ’An lìonmhor fear-sìolchur ’s an Earrach; ’S an Fhoghar, greadhnach, meadhrach uallach, Dualach, sguabach, cruachach, torrach. A creagan truideach, crotach, calmnach, Mar bhuachlach, sgarbhnach, a calaidh; Gèadhach, lachach de gach seòrsa, Dòbhranach, rònanach, ealach. Nuallan a tonnan mar òrgain ’Teachd leis a’ mhonmhur a’s binne, Mar rolaidh craicinn air a’ chéile, Stuaidh ghlé-gheal ’sgar na tuinne. MI M’ SHUIDHE ’M ONAR. LE SOMHAIRLE CAMARON, RAINNACH. AIR FONN.—“Coire-cheathaich.” Mi m’ shuidhe ’m ònar, air tulaich bhòidhich ’S mi gabhail òrain, cha téid e leam; Mo chridhe ’n còmhnaidh mar chloich air mòintich, A’s mòran seòil aig air dol gu grùnnd. [TD 438] Gu grùnnd cha téid e gun fhios do ’n Eucaig; ’S ma ni i réite gur fheàirrd a chùis; ’S mur tagh i féin mi, gur leis an Eug mi, Le shaighdibh geura tigh ’n orm ás ùr. A shaighdean geur’ annam taobh ri chéile, A dh’ fhàg mi reubta ’s a rinn mo leòn Gur tùirsach m’ éislein gach latha ’g éiridh; Gur tric mo léine co fliuch ri lòn, Mar ghaoith bho thuath a thig bhàrr nan cuaintean, A dh’fhalbhas bh’uainne mar chi sibh ceò, ’S e samhladh fhuair mi de ghaol na gruagaich, A rinn mo bhuaireadh air iomad seòl. Gu tràigh cha téid i; ’s gur beag mo spéis di, Mur faigh mi ’n Eucag a ’s gile dreach, Do shliosan glé-gheal mar shneachd air gheugaibh; ’S gur tùirsach m’ éiridh gun laidhe leat. Tha m’ inntinn cianail, gach lath’ ’g a riabadh, ’S mi ’n tòir air d’ iarraidh le cogais cheart. Do nàdur còmhnard a chlaoidh ás m’ òig mi; ’S cha b’ e do stòras a bh’ ann am bheachd. Stòr no feudail ged ’s mòr an spéis diu, An diugh cha léir leam a bhi ’g an dìth; A’s stoc no àirneis cha ’n iad a b’ fheàrr leam; ’S cha bhraid na meirl’ air am bheil mi ’n tì, Cha chrodh air bhuailtibh ’s cha ghreigh air fuaran A chuir am buaireas so ann am chrìdh’; Ach eala bhuaidheach ’s i snàmh nan cuaintean, ’S mo lion mu ’n cuairt di g’ a toirt gu tìr. ’S ma ’s tusa an eala tha air a’ chuan sin, Gur mise ’n t-uan a tha air an tràigh, ’S na meangain bhuaidheach a’ fàs mu ’n cuairt domh, Mur tuit mi m’ buair’ air do shon, a ghràidh; [TD 439] Cha dìbheil céille thug miad mo spéis duit; ’S ma ni thu réite cha déigh dhomh e. On ’s tu mo cheud ghràdh, ’s gu’n lùb thu féin mi, Gu’m bi mi éibhinn deth fad mo ràidh. Do chuach-fhalt bòidheach, air dhath an neòinein ’S e fàs gu mòthar ’n a dhualaibh grinn, ’N a chiabhan òr-bhuidh mar dhìthein eòrna, Gu bann do chòta bho chòl do chinn,— Gu lùbach, dualach,—gu cleacach, cuachach, A’s car mu ’n cuairt anns gach fuiltein mìn, ’S e truiste suas ann an sìoda buadhach, An leadan dualach nach dochainn cìr. Do shlios mar chanach, no bréid de ’n anart, No sneachd air barraich, gun dol gu làr; Do ghruaidh dhearg thana mar chaoran meangain, Fo d’ shùil ghorm, mheallach, gun ghìomh, gun sgàth. Tha mais’ a’ d’ aodan thar clann nan daoine; ’S e dh’ fhàg mi daonnan co fad a’ d’ ghràdh; Ach thig le d’ ghaol, ’s thoir e glaic an Aoig mi, Neo dh’ aindeoin dhaoine gum faigh mi bàs. ’S ma chumar bhuam thu le gnìomh an t-sluaigh sin, A thogas tuaileas le cainnt am beòil, Tha càirdean dìleas mu ’n cuairt os ìseal, A thogas mì-thlac, ’s nach strìochd do ’n chòir. Luchd bhreug a’s thuaileis do ’n gnàth bhi buaireadh Tha m’ fhuil air fuathachadh riu, as m’ fheòil, Gum buin an treud ud do Mhamon déisneach, Le ’n teangaibh èisgeil toirt beum do ’n chòir. Tha naimhdean fallsail, fo sgàile càirdeis, A’ togail fann-sgeulan oirnn le chèil’, Luchd mì-rùin teanga a piocadh tainge, A’ dealbh an aimhleis ’s a’ deanamh bhreug. [TD 440] Tha ceilg mar lòn agus nimh ri òl daibh, A’s e an cònaidh gu searbh ’n am beul. Luchd dhealbh droch sgeòil buinidh iad de dhòruinn, ’S an dream gu sònruicht’ bhios ’deanamh bhreug; Ma chi sibh neach bhios a’ cur ri chéile, Mar phioghaid threubhaich ’s i ’deanamh nid Bidh aon a’ cuartachadh stigh le h-éiginn, A’s aon a’ réiteachadh cuairt an nid;— Ma thig gaoth luaineach thar bhàrr nan cuaintean, A chuireas luasgan air meòir a’ phris; Grad fhalbhaidh uapa an nead ’s a chuairteag, A’s faic an truaighe cia mòr a’ nis. Mar sin, mo bhanndag, na gabh-sa anntlachd, Ged their do chàirdean gu’m bheil mi bochd; A’s tuig Righ Daibhidh, ’s an staid am b’ àird e, Bha chrìdh’ gun àilgheas mar neach gun toic. Cha d’ fhuair an rìgh sin ach beag toilinntinn ’S a’ chathair rìoghail, le mòran sprochd; ’S ma leugh thu ’m Bioball tha pairt de ’g ìnnseadh Gu’n d’ rinn e ìlseach mar dhuine bochd. Bha mise a’ m’ òige car tamuill gòrach; Nis tha mi deònach air cinntinn glic; Tha àm gu bròn agus àm gu sòlas: ’S e ’n dara seòl air ’n do chaochail mis. Nis glacam seòlta mo ribheid cheòlar, O’n tha mo shòlas a rìs air teachd; A’s théid mi chòmhnuidh gu tulaich bhoidhich ’S bidh mi mar smeòraich a’ seinn gu beachd. [TD 441] MO CHAILIN DILEAS DONN. LE EACHANN MAC COINNICH, ULLAPOOL. Gu’ m bu slàn a chì mi, Mo chailin dìleas, donn; Bean a’ chuailein réidh, Air an deise dh’ éireadh fonn. ’S i cainnt do bheòil bu bhinne leam, An uair bhiodh m’ inntinn trom, ’S tu thogadh suas mo chrìdh’ ’N uair a bhiodh tu bruidhinn rium. Gur muladach a ta mi, ’S mi nochd air àird’ a’ chuain— ’S neo-shunndach mo chadal domh, ’S do chaidreamh fada bhuam; Gur tric mi ort a’ smaointeach; As t-aogais tha mi truagh; A’s mar a dean mi t-fhaotainn Cha bhi mo shaoghal buan. Sùil chorrach mar an dearcag Fo rosg a dh’ iadhas dlùth; Gruaidhean mar an caorann, Fo ’n aodann tha leam ciùin. Mar d’ aithris iad na breugan Gu’n d’ thug mi féin duit rùn; ’S gur bliadhna leam gach là O’n uair a d’fhàg mi thu. Theireadh iad mu ’n d’ fhalbh mi, Gu ’m bu shearbh leam dol a’ d’ chòir; Gu ’n do chuir mi cùl riut, ’S gu’n dhiùlt mi dhuit mo phòg. [TD 442] Na cuireadh sud ort cùram, A rùin—na creid an sgleò; Tha t-anail leam ni’s cùbhraidh, Na’n drùchd air bhàrr an fheòir. Tacan mu’n do sheòl sinn, Is ann a thòisich càch Ri innseadh do mo chruinneig-sa, Nach tillinn-sa gu bràth. Na cuireadh sud ort gruaimein, A luadh—ma bhios mi slàn— Cha chum dad idir uait mi, Ach saighead chruaidh a’ bhàis. Tha mòran de luchd aimlisg, A’ seanachas an droch sgeòil; An cridheachan mar phuinsean, Cha chuimhnich iad a’ chòir; Ach na creid an sgeula; Ma gheibh a’ chléir oirnn còir; ’S ma dh’fhanas sinn o ’chéile, ’Si ’n éigin a bheir òirnn. Tha ’n t-snaim a nise ceangailte, Gu daingean agus teann; A’s their luchd na fanaid rium, Nach ’eil mo phrothaid ann:— Am fear aig am bheil fortan, Tha crois aige ’n a cheann, ’S tha mise taingeil, toilichte, Ged tha mo sporan gann. [TD 443] MARBHRANN. DO PHEIGI NIC-ILLEATHAIN, LE SEONAID NIC DHOMHNUILL. ’S ann an dràst tha ’n sgeul cràiteach ri chluinntinn ’s an àite, Tha ’n nìgh’nag is àille ’s is maisiche gnùis Air a righeadh ’s a càradh an ciste chaoil chlàraidh, ’S i ’n diugh air a fàgail le’càirdean ’s an ùir. Gur truagh leam an t-òig-fhear, chaill a mhisneach ri ’bheò e, Tha ’chrìdh’ air a sgaradh, gur dubhach a ghnùis; A bhean-bainnse bhòidheach le lic air a còmhdach. ’N a laidhe ’s an talamh, ’s i falaicht’ bho ’shùil. Bu chaoimhneil ’s bu teo-chridheach leamsa a fàilte,— A nìgh’nag a b’ àill’, ’s ann ort féin a bhiodh fonn; Do ghruaidhean mar scàrlaid, ’s mar ròs ann an gàradh, ’S do chneas mar an eala air bharraibh nan tonn! Gur truagh leam do chàirdean, gu sonruicht’ do mhàthair; Chaill i ’h-aighear ’s an t-saoghal, gu bràth, a’s a sunnd; ’S gur tric i ’g a’ d’ chaoineadh, ’s gun thu aice ri fhaotainn, ’S cha ’n éirich a crìdh’ ged tha tigh’nn a’ bhliadhn’-ùr. A nis sguir ’g a bron, thu féin a’s a càirdean,— Tha ise gu h-àrd ann am Pàras nan dùl; ’S tha sinn uile an dòchas gu bheil i ’n diugh pòsda Air ar Slànaighear glòrmhor, ’s a ghnàth ’seinn a chliù. AM FAIGH A’ GHAIDHLIG BAS? LE NIALL MADLEÒID. Tha mòran sluaigh a ’m beachd an diugh Nach ’eil ar cànain slàn, Nach fhad’ a chluinnear fuaim a guth, Nach téid i ’chaoidh ni’s feàrr; [TD 444] Gu’m bheil an aont’ a bh’ aic’ air ruith, Nach tog i ceann gu bràth; ’S a dh’aindeoin buaidh Mhic-’Ille-Dhuibh, Gu’m faigh a’ Ghàidhlig bàs. Tha siol nan sonn ’g an cur air chùl, ’S am fearann ’g a chur fàs; Tha féidh a’s caoirich air gach stùc Mu ’n robh na laoich a’ tàmh; Tha cinneach eil’ air teachd do’n ùir, ’S ag éiridh suas ’n an àit’, ’Tha ’toirt am bòidean air gach dùil Gu ’m faigh a’ Ghàidhlig bàs. An leig sinn eachdraidh chaomh ar tìr’ A sgrìobadh de gach clàr, ’S a’ Ghàidhlig chòir a chur a dhìth Le linn nach tuig a gnàths? A chànain aosda, ghlòirmhor, bhinn, A dhùisgeadh fuinn nam Bàrd, Am fan sinn diomhanach gun suim A’s daoi ’g a cur gu bàs? Dùisg suas, a Ghàidhlig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgàth; Tha ciadan mìle dìleas duit Nach dìobair thu ’s a’ bhlàr; Cho fad’ ’s a shiùbhlas uillt le sruth, ’S a bhuaileas tuinn air tràigh, Cha ’n aontaich iad a’n cainnt no ’n cruth Gu ’n téid do chur gu bàs. A’ chainnt a dh’fhoillsich cliù nam Fiann ’S an gaisgeadh dian ’s gach càs; Tha’n euchdan iomraiteach bho chian Ag àrach miann ’n an àl; [TD 445] Na leómhainn threun’ nach d’thug le fiamh An cùlthaobh riamh do nàmh; Tha iomadh gleann, a’s cnoc, a’s sliabh, A’ luaidh air gnìomh an làmh. Cha’n eòl dhuinn ceàrn, an ear, no’n iar, No fonn mu’n iadh an sàil’ Nach fhaighear cuid an sin dhe’n siol A’ liadachadh ’s a’ fàs, ’Tha ’g altrum suas, le dùrachd dian, Gach sgialachd agus dàn A bhiodh an sìnnsearan a’ snìomh ’An tr nan sliabh ’s nam bàgh. Ach ’s geàrr a bhios an ùin’ a’ triall, Gu ’m faic sinn, mar is àill, A’ Ghàidhlig mùirneach, mar ar miann, ’An cathair inbheich, àird, A’ sgaoileadh eòlais agus ciall Bho ’h-ionmhasan nach tràigh; ’S a’ taisbeineadh le neart a rian Nach téid i ’n cian so bàs. ’N sin togaidh i le buaidh a ceann, Le aoibhneas ni i gàir, A teudan gleusaidh i gu teann Le cridhe taingeil, làn; Gu’n cluinn mac-talla feadh nan gleann Gach doire ’s allt ’cur fàilt’, ’S an osag chiùin air bhàrr nam beann A’ giùlan fuinn a dàin. Ach buaidh us piseach air na laoich Tha seasmhach air a sgàth, ’Chaidh àrach ann an tìr an fhraoich, Ge sgaoilt’ an diugh an àl; [TD 446] Ged chaidh an sgapadh air gach taobh, Ged chaochail iad an gnàths, Cha’n fhàs an eachdraidh lag le aois, ’S cha’n fhaigh a’ Ghàidhlig bàs. FAILL ILL O AGUS HO RO EILE. (Another version of this Song will be found at Page 289.) SEISD— Fàill ill ó agus hó ro éile Faill ill ó agus hó ro éile; Air fàill ill ó agus hó ro éile; Gur tùrsach trom leam mo laidhe ’s m éirigh. Saoil sibh fhéin nach mi ’bha truagh dheth, Feasgar foghair air achadh buana; A h-uile té ’s a fear fhéin r’a guallainn, ’S mo leannan donn-sa air bhàrr nan cuantan. Fàill ill ó, etc. Shiùbhlainn, shiùbhlainn, shiùbhlainn fhéin leat, Shiùbhlainn fada troimh choill nan geug leat; ’S ’n uair bha mi òg ’s mi air bheagan céille Gur e do ghaol-sa a rinn mo léireadh. Fàill ill ó, etc. Gheall mo mhàthair fàinne òir dhomh; Gheall m’ athair buaile bhò dhomh; ’S ged gheibhinn sud ’s an saoghal mòr leis Gur mòr gu ’m b’ ànnsa leam gaol an òigeir. Fàill ill ó, etc. ’Phiuthar ghaolaich dean gu réidh rium Cum an crodh a’s na laoigh bho chéile; ’S ged ghabh mi ’m poca ’s ged dh’ iarr mi’n déirce, Na cumaibh uam-sa mo rogha céile. Fàill ill ó, etc. [TD 447] ’Dé na’m faicinn thu seach a’ bhuaile, Sgealb, mi ’n cuman a’s thilg mi ’bhuarach, Chuirinn fhéin mo dhà làmh mu’n cuairt duit ’S cò, a ghaoil, sin a chumadh uam thu? Fàill ill ó, etc. Cinnidh sòbhrachan anns an earrach, Cinnidh ùbhlan air bhàrr nam meangan; Bheir sud ’am chuimhne-sa pòg mo leannain, ’S a h-uile té dhiubh air bhlas na meala. Fàill ill ó, etc. DH’FHALBH MO NIGHEAN CHRUINN, DONN. SEISD.— Dh’fhalbh mo nighean chruinn, donn, Uam, do ’n Iùraidh; Dh’fhalbh mo nighean chruinn, donn, Cneas mar eal’ air bhàrr thonn— Och a’s och! mo nighean donn, ’A dh’fhag mi-shunnd orm. ’S truagh nach robh mi ’s mo ghaol Ann an gleann cùbhraidh; ’S truagh nach robh mi ’s mo ghaol Ri h-uisg’ ann ’s ri gaoith; ’S fo shileadh nan craobh Bhitheamaid sunndach. Dh’fhalbh, etc. Nam biodh agam-sa spréidh, Bhithinn glé chùirteil, Nam biodh agamsa spréidh Feadh bheann a’s feadh sléibh, B’ ùr a gheibhinn thu féin, ’S cha bu chéil’ ùmpaidh. Dh’fhalbh, etc. [TD 448] Ged tha thusa an tràth-s’ Ann an gleann Iùraidh, Ged tha thus’ ann an tàmh, Tha d’ aigne fo phràmh, Agus mise gun stàth, Le do ghràdh ciùrrte. Dh’fhalbh, etc. Beir mo shorruidh le gràdh Uam do ’n Iùraidh; Beir mo shorruidh le gràdh Dh’fhios na h-òigh rinn mo chràdh; ’S o’n nach math leath’ mar tha, Tha i féin tùrsach. Dh’fhalbh, etc. Cha ’n ’eil aice mar chéil’ Ach am fìor ùmpaidh, Cha ’n ’eil aice mar chéill’, Ach sean bhodach gun spéis, ’S e mar ghearran o fhéill— Doirbh, breun, brùideil! Dh’fhalbh, etc. ’S FHEUDAR DHOMH BHI BEO. SEISD— ’S fheudar dhomh bhi beò, Ged a robh thu ’m dhìth; Ciamar gheibh mi ’n smuairein so A’ chumail dhìom? ’S fheudar dhomh bhi beò, Ged a robh thu ’m dhìth. [TD 449] ’S muladach a ta mi, Mach ri Dail na Ceàrdaich, ’S gun a ghruagach làmh rium, Gaol a’s gràdh mo chrìdh’. ’S fheudar, &c. ’S i mo ghaol an ainnir ’S deise théid ’na h-anart ’S ioma Diùc a’s Baran ’Dh’fharraideas cò ì. ’S fheudar, &c. ’S i mo ghaol an déideag ’S deise théid ’na h-éididh; ’S coltach ri deò-ghréin i ’Nuair a dh-éireas ì. ’S fheudar, &c. ’S ann ort a tha ’n cul-snìomhain Nach feum cìr g’a chìreadh, ’S e mar theudan sìoda Sìos mu chul do chinn. ’S fheudar, &c. Tha ’n t-urram dhuit air dannsa Anns gach còisir ghreannar;— ’S mòr a thug mi gheall duit Ged a mheall thu mi. ’S fheudar, &c. ’S muladach a ta mi Dhol a stigh do ’n bhàta, ’Dol a null thar sàile— ’S gu là bhràth cha till. ’S fheudar, &c. [TD 450] Ach ’s e dh’fhàg mi brùite ’N ainnir a chuir cùl rium; ’N déigh na rinn i ’shùgradh’. ’S tùrsach tha mo chrìdh’. ’S fheudar, &c. ORAN, DO’N URRAMACH ALASDAIR STIUBHARD, ’AM BUN-LOCHABAR. LE. F. D. MAC DONELL. O! mosglam-se le sunnd a’s càil A’s deachdar dàn gu buadhach leam, Do’n Fhìr-eun uasal, fhoinnidh, fhial, Is pailte cial a’s buadhannan, Tha ’m Bun-Lochaber nan damh donn, ’S nam mac ’s nan sonn clis, fuasgailte, Dheth ’n aitim rìoghail sheasmhach, dhàn’, Bha sgaiteach, dàicheil, cruadalach. ’S tu ’fiùran fearail, ’s athail gnùis, A’s teinne lùgh, ’s a’s anamanta, A’s guirme sùil, ’s a’s deirge gruaidh, ’S tu fallain snuadhmhor, geala-mhaiseach; O shàil do bhuinn gu gruaig do chinn, Gur cuimir, grinn, deas, dealbhach thu, ’S na ’m faighte gairm a dhìon a’ chrùin, Bu ghlan air thùs na h-armailt thu. [TD 451] Ach ’s e ni buan do mheas ’s do chliù, Na gibhtean dlùth chaidh dhòrtadh ort, ’S nach ’eil ’s an àl so fear do chéill,’ ’S tu deanamh feum an còmhnuidh dheth: ’S tu ubhall àluinn ’s lionmhor freumh, ’S is pailte geuga mòr-mheasach, Gun bheud, gun ghaoid, ach reachdmhor, làn, ’S e bhi fo d’ sgàil tha sòlasach. Gur diomhair d’ iùil a’s d’ fhiosrachd gheur, Mu chuairt na gréin’ tha deàrrsadh oirnn, ’S cha ’n ’eil an cleith ort gnè nan reul, ’S gach feart ’s na’s léir dheth ’n àireamh ud, Mar sin gu’n dhearbh thu meud do ghrunnd, A’s barrachd tùir mar Chàladair, ’A dh’innseas dhuinn m’an tig gu crìch, Gach caochladh sìon ’s mar thàrlas e. ’S gur solus dhuinn do bheachdan fior Mu ghin nan iasg ’s an àbhaistean, Mu ghnè nan eun, ’s gach bith’ ta beò, ’S mu bhuadhan phòr ’s mar dh’ fhàsas iad, Mu chinneas luibhean a’s an sgèimh, ’S mu stuthan mhéin ’s an gnàthachadh, ’S tu toirt dhuinn eòlais air gach maoin, A tha ’s an t-saoghal nàdurra. A’s tuigseach dh’ ìnnsear leatsa sgeòil, Nan Aoisean Orach ’s Iarunnach ’S tu deas ’an cainnt na Gréig’ ’s na Ròimh’, Cha bhi ort sgleò ’g an sgrìobhadh dhuinn; ’S gur taitneach ’chuirear leat ’an céill, Mu ghaisge threubh nam Fianntaichean, A’s nòs gach teaghlaich, fin’, a’s sluaigh, Am meud, an snuadh ’s an siolachadh. [TD 452] Tha ort mar chliù, bhi suairice, ciùin, Neo-uallach, mùinte, sìobhalta, ’S tu faoilidh, pàirteach, iochdmhor, tlàth, A’s pailt an gràdh ’s an sìmplidheachd, Ro thapaidh. dian, ’s gach àit a’s àm, A sheasamh bhantrach ’s dhìlleachdan, Air cheann nam bochd a’ dion an cùis ’S deas-chainnteach, grunndail, dìleas thu. Gu’m bheil do ghluasad ’reir do ghairm, ’S cha’n ann le foirm no cealgaireachd, Ach tlusail, séimh, a’s ceart ’am beus, A’ ruith do réis gu h-armaichte: Gu’n d’ fhuair thu dh’ onoir le gach buaidh, Bhi d’ aobhar uaill’ d’ ar Garbh-chriochan, ’S gur mùirneil d’ ainm air feadh gach tìr’, ’S bidh iomadh linn a’ seanachas ort. Gu’n guidhinn fhéin duit ’measg nan ceud, Fad shìneadh rè neo-smuaireanach, A’ fàs ’an toirt, ’an cuid, ’s an daoin’, Ri fad do shaoghail buannachdail; ’S gu’m beil mi luaidh ort le mòr mhiann, Aig ceann gach mios’ mar chuairticheas— ’S ag òl do shlàinte le Mac-Ràild, Fear cridheil, càirdeil, uasal e. AN GILLE BAN. SEISD.— Ma’s ann gam mhealladh A’ ghaoil a bha thu, Ma’s ann gam mhealladh, As déigh do ghealladh, ’S e ’luaidh do mholadh, Ni mi gu bràth! [TD 453] Chunnaic mis’ thu air a’ bhuaile, Agus rìbhinn òg ri d’ ghuallainn, Saoil-se féin nach mi bha truagh dheth, ’N uair rinn mi ’suas ris a’ ghille bhàn. Ma’s ann gam mhealladh, etc. Tha sgeul ùr air tigh ’n an dùthaich, Gur sguabach ùr a’s feàrr a sgùras Ach ’n uair a dh’ fhalbhas an duilleach ùr dhi, Cha dean i sgùradh nas feàrr na càch. Ma’s ann gam mhealladh, etc. Ged a gheibhainn-se mac duin’ uisail, Agus mile ’chrodh-laoigh air bhuailtibh, Gum b’fheàrr leam cadal an lagan uaine, Air leaba luachrach le m’ ghille bàn. Ma’s ann gam mhealladh, etc. Rìgh gur mise ’tha gu tùrsach, ’On a chaill mi ’n t-òigear rùnach, ’S thic na deoir a ruith a’ m’ shùilean, Cha dean iad dùnadh gu briste là. Ma’s ann gam mhealladh, etc. ’Stric a bha thu ri mo ghuallainn, Cridheil, ceòlmhor, an àm na buana, Ach ’on àm sin do ghaol gu’n d’fhuaraich A’s thug thu fuath dhomh an àite gràidh. Ma’s ann gam mhealladh, etc. Sud an sealladh ’rinn mo leònadh, ’Bhi ga d’ fhaicinn-se Di-dòmhnaich, Am measg do chàirdean a’s do luchd-eòlais ’S cha b’ fhiach leat fheòraich an robh mi slàn. Ma’s ann gam mhealladh, etc. [TD 454] Ged a gheall thu mise ’phòsadh, ’S ged a dh’ fhàg thu ’n diugh mi brònach, Guidheam dhuit-se a chaoidh gach sòlas, Cho math ri òg-bhean a bheir dhuit gràdh. Ma’s ann gam mhealladh, etc. Thig a nis agus dùin mo shùilean, ’S a’ chiste-chaoil ni na saoir a’ dhùnadh, Leag a sìos mi ’s an anart dhùbailt’, Oir ’s ann ’s an ùir a ni mise tàmh. Ma’s ann gam mhealladh, etc. CUMHA LE CAIRISTINA NIC COLLA, D’a Mac Seumas, ’n uair a phos e Anna Nic ’Illemhaoil ’s i ’na bantraich le ceathrar chloinne. Thoir mo shoraidh thar sàile Dh’ ionnsuidh Sheumais do ’n Gheàrraich ’S innis dha mar a tha mi fo bhròn, Mu’n sgeul ùr tha r’a ìnnseadh, Gu’n do dh’ fhàg thu an tìr so Dhol do Ghlaschu nan stìobull le d’ dheòin. Mu’n sgeul ùr, etc. Leis an d’ thug thu dhomh buille Nach robh soitheamh dhomh fhulang, ’S nach do thoill mi cho duineil o d’ dhòrn, Leis an d’ thug, etc. ’N là thug thu do chùl rium, ’Dh ’fhalbh le bàta na smùide Bha mo chridhe-se brùit’ ann am fheòil, ’N là thug thu, etc. [TD 455] ’N là a’ phòs thu a’ bhantrach ’S ann am thigh a bha ’n t-an-tlachd ’S beag a shunnd no cheòl-danns’ bha nan còir, ’N là a phòs thu, etc. Bha do phiuthar fo thrioblaid Ach b’ iad do bhràithrean bu mhiosa Bha t-athair a’s mise fo bhròn Bha do phiuthar, etc. Ach na’m biodh tu mu’n tràth so Ann an cogadh na Ban-righ Cha bhiodhmid idir cho cràiteach air dòigh, Ach na ’m biodh, etc. Bhiodh ’ur sùil ri d’ thigh’n dachaidh Ann an greadhnachas fhathast Agus céile bhiodh maiseach a’ d’ chòir. Bhiodh ’ur sùil, etc. Ach o’n a rinn thu ’ur tréigsinn ’S mòr an it’ as ar sgéith thu— Sgoileir sgrìobhaidh a’s leughaidh bha còrr. Ach o’n a rinn, etc. Ach gabhaidh mise mo chead dhiot, O’n nach fheàirrde mi bheag thu, O’n a chaill mi, gun teagamh, ort coir. Ach gabhaidh, etc. Ach fhad ’s a bhitheas mi maireann, Bidh tu ’Sheumais air m’ aire Le m’ cheann liath dol gu tlamh ri bròn. Ach fhad, ’s a bhitheas, etc. Nis guidheam sonas do d’ chéile, Ged is coma leam fhéin i, Agus soirbheachadh réidh dhuibh ri ’r beò. [TD 456] AN GILLE DONN. SEISD.— Och ho ró! ’Ille dhuinn, ’Ille dhuinn bhòidhich— Och ho ró! ’Ille dhuinn. Gura mis ’tha fo mhulad, ’Giùlan cular Righ Deorsa. Och ho ró! etc. Mi ’bhi ’giùlan a’ ghunna, Ann an Cuideachd a’ Chòirneil, Och ho ró! etc. Fhuair sinn òrdugh ’bhi màrsadh Gu sràid nan ceum còmhnard. Och ho ró! etc. Gu sràid nan ceum socrach, Nach dochainn ar brògan! Och ho ró! etc. Luchd nan còtaichean ruadha, ’Ga’n cur suas ’an deadh òrdugh. Och ho ró! etc. Luchd nan còtaichean-gearra, ’Ga’n cur thairis do ’n t-Olaind. Och ho ró! etc. Gur h-ann feasgar Di-sathurn, ’Thug sinn ’n cath a bha deònach. Och ho ró! etc. B’ ioma té ’bha gun chéile, ’N àm éirigh Di-Dòmhnuich! Och ho ró! etc. [TD 457] Agus nighean fir fearainn, ’Bha ’na laidhe ’na h-ònrachd! Och ho ro! etc. ’An déis a céile ’thoirt uaipe, ’S nach fuasgaileadh òr e. Och ho ro! etc. E ’na shìneadh ’s an luachair, ’S ’fhuil mu ’ghuaillnean a’ dòrtadh! Och ho ro! etc. Thoir uam soiridh thar mhonadh, Gu Muile nam mòr-bheann. Och ho ro! etc. Far an goireadh a’ chuthag, Anns gach bruthach romh ’n Bhealtainn. Och ho ro! etc. Thoir uam soiridh gu m’ mhàthair, ’S gur h-i ’dh ’àraich glé òg mi. Och ho ro! etc. Soiridh eile gu m’ phiuthair, Tha i ’m chumha gu brònach. Och ho ro! etc. A’s an t-soiridh s’ gu m’ leannan: Théid mi dhachaidh ma ’s beò dhomh! Och ho ro! etc. AN RIBHINN DONN. LE AONGHAS MAC-AN-T-SAOIR. SEISD.— O ’s rùnach leam mo rìbhinn donn, ’S a’ ghleann taobh thall nam fuar-bheann; ’S an fheasgar chiùin théid mi le m’ rùn, Gu doire dlùth nam fuaran. [TD 458] Mo sheang choin-seilg tha’n garbhlach fhiadh, S’ mo chridhe cian tha’n còmhnuidh, ’S a’ ghleann ’s an éisd mo Mhàiri ghrinn Ri ceilear binn na smeòrach. O ’s rùnach leam, etc. Tha eòin an t-sléibh air sgéith mu’n cuairt, ’S cha dùisg iad fuaim mo làmhaich, A’s mis’ am pràmh an sgàth nam bruach, ’S mo smuain mu’n ghruagaich ghràdhaich. O ’s rùnach leam, etc. ’S i ’s aotruim’ ceum ’s is deàrrsaich’ sùil, ’S a gàir tha ciùin a’s caoimhneil, ’S a guth tha dhòmh-s’ mar shòlas ciùil ’S mi falbh nan stùchd ’s an oidhche. O ’s rùnach leam, etc. ’S e ’caoin-fhalt fàinneach ’s àilidh sgèimh, ’S a bràighe ’s glé-gheal, bòidhche, Fo osna ’cléibh ag éiridh séimh, Mar fhaoilinn bhàin air Lòchaidh. O ’s rùnach leam, etc. A cridhe aobhach ’s aotrom sunnd, Mar mhang aig sùrd an réidhlein; Ach caomh a’s tlàth mar bhlàth fo dhriùchd, Am maise chiùin a’ chéitein. O ’s rùnach leam, etc. Mo rìbhinn ghràidh a’s àillidh sgiamh ’S tu ’s àraidh beus ’s is bòidhche, ’S a mhaise dh’ fhàs air gràdh nan ceud Cha tréig thu’n Ionar-Lochaidh. O ’s rùnach leam, etc. [TD 459] Ged gheibhinn lùchuirt ’s crùn an Rìgh A’ d’ iùnnais dhìobhrainn còir orr; ’S mo bhean ’s mo bhan-righ bheirinn i Gu tuine ’n tir nam mòr-bheann. O ’s rùnach leam, etc. BRUTHAICHEAN GHLINN’-BRAOIN. LE UILLEAM ROS. SEISD.— Beir mo shoraidh le dùrachd, Do ribhinn nan dlù-chiabh, Ris an tric bha mi ’sùgradh, Ann am Brùth’chean Ghlinn’-Braoin. Gur e mis’ tha gu cianail, ’S mi cho fad’ uait am bladhna, Tha leann-dubh air mo shiaradh, ’S mi ri iarguin do ghaoil. Cha ’n fheud mi bhi subhach, Gur e ’s beus domh bhi dubhach, Cha dìrich mi bruthach, Chaidh mo shiubhal an lugh’d. Chaibh m’astar am maillid, Bho nach faic mi mo leannan; ’S ann a chleachd mi bhi mar riut, Ann an gleannan a’ chaoil. Anns a’ choill’ am bi ’n smùdan ’S e gu binn a’ seinn ciùil duinn, Cuach a’s smeòrach ga ’r dùsgadh, ’Cur na smùid diubh le faoilt’. [TD 460] ’S tric a bha mi ’s tu mireadh, Agus càch ga n-ar sireadh, Gus ’m bu deònach leinn tilleadh, Gus Innis nan laogh. Sinn air fàireadh na tulaich, ’S mo làmh thar do mhuineil, Sinn ag éisdeachd nan luinneag, Bhiodh am mullach nan craobh. Tha mise gu ’ràitinn, ’S cha ’n urrainn mi ’àicheadh, Gur iomadach sàruch’ ’Thig air àiridh nach saoil. Gur mis’ tha ’s a’ champar, ’S mi fo chìs anns an àm so, Ann am prìosan na Frainge, Fo ainneart gach aon. Ann an seòmraichean glaiste, Gun cheòl, a’s gun mhacnas, Gun òrdugh á Sasunn, Mo thoirt dhachaidh gu saor. Cha b’ ionnan sud ’s m’ àbhaist, A’ siubhal nam fàsach, ’S a’ dìreadh nan àrd-bheann, Gabhail fàth air na laoigh. A’ siubhall nan stùc-bheann, Le mo ghunna nach diùltadh; ’S le mo fhlasgaichean fùdair; Air mo ghlùn anns an fhraoch. [TD 461] FLEASGACH A’ CHUIL DUINN. SEISD.— A fhleasgaich ghrinn, ’fhir ’chùil duinn, ’S truagh nach robh sinn còmhla; A fhleasgaich ghrinn, ’fhir ’chùil duinn. ’S truagh nach robh mi ’s m’ eudail ’N Gleann-Eite ’bharraich bhòidhich. ’S truagh nach robh mi còmhla riut An seòmar dlùth nam bòrda. ’S mise tha fo mhulad dheth Air m’ uilinn, a’s mi m’ ònar. ’Cuimhneachadh do shùgraidh, Lùb ùr a’ bhroillich bhòidhich, ’Cuimhneachadh do bheadraidh, Cha bheag a fhuair mi òg dheth. Mu’n robh mi dusan bliadhna, Gu’m b’e mo mhiann ’bhi còmhl’ riut. Marbh’aisg ’an a’ ghaol sin Nach fhaodar ’chur air fògradh. Cha robh ann ach faoineis, ’Bha ’n aorabh na cloinn’ òige. Cha b’ ann ’an sgàth nam bruachan, A luaidh, a fhuair mi d’ eòlas. Thug an gille’ ’m fireach air A shireadh damh na cròice. Thug am bàta ’n caol oirre ’S cha robh mo ghaol ga ’seòladh. Thug am bàta ’n cuan oirre ’S cha bhuannaichd i ’n dòirlinn. [TD 462] Gu bheil do chàirdean deurach ’S gu bheil mi fhéin ro bhrònach. ’S cinnteach mi nach toilicht’ thu Le d’ fhortan ged a phòs thu. A’ BHEAN-CHOMAINN. Gur tù mo bhean-chomain, a chagair ’s a ghaoil, Bha’n dùthchas ud againn ’bhi gu h-aimaideach, faoin, Cha b’fhada leam seachdainn a bhi ’n taice ri m’ ghaol; Gur mi nach iarradh le leaba a bhi againn ach fraoch. Ged a tha mi ’dol dachaidh tha mo thasgaidh ’am dhéigh, ’S mi gu’n aithnicheadh mo chruinneag ann an crunneachadh cheud; ’Beul meachair ’ni mànran, cùl fàinneach, donn, réidh, Mala chaol mar an ite thig á sgiath an eòin léith. ’M fìor thoiseach an t-Samhraidh ghabh mi geall diot a’s miann; B’fheàrr dhomh-sa bho’n àm sin nach do theann mi ris riamh; Aig a’ mheud ’s thug mi ’ghaol duit gu’n do chaochail mo nial. B’annsa nochd ’bhi riut sìnnte na mìle bó chiar. Meòir fhada, chaol, dìreach, ’dheanadh sgrìobhadh le peann, ’N uair a chàireadh tu sìod’ ort, chuirinn fhéin asad geall Nach ’eil anns an tìr so de fhìor chlann nan Gàidh’l, Na bhuidhneadh bonn gill ort ann an grinneas do làmh. ’S ann ’am bràigh Innis-Ruairidh ’tha mo luaidh de na mnài; Beann nan gorm-shùilean meallach, ’s a’ bhroillich ghil bhàin. Ceart cho cinnteach ’s tha ’m bradan air an aigeal a’ snàmh, Thug mi gaol ’s cha ghaol-bréig’ e, do’n euchdaig ghil, bhàin. Cha d’ thug thu dhomh riasan, ’bhi ’cur sìos air do chliù, Ged a bhithinn ga d’ iarraidh bho d’ bheulthaobh gu d’ chùl; Bha thu sìobhalta riamh rium, bha do bhriathran dhomh ciùin; ’S bidh mo chrìdh’ ann an tòir ort, ged bhiodh tu pòsda ri triùir. [TD 463] Cha ’n ’eil bean aogais mo leannain, ’n diugh air faich’ no air feur, ’Dol do’n chlachan Didònaich, ’s tu bu mhòthaire ceum, Troidh chruinn am bròig chòmhnaird nach leònadh am feur; Deud snaidhte ro-bhòidheach, ’s mar na ròsan do bheul. ’Dol Didònaich do’n chlachan, gur h-e ’s fasan dhomh bròn, ’N uair a chì mi mo leannan, ’s fear eile ’na còir, ’S ann a théid iad orm seachad gu dol a steach do’n tigh-òsd’ ’S bidh esan, ’s gu’m faod e, ’sìor-fhaotainn a pòig. Mi ’bhi dìreadh a’ bhruthaich thàinig tuisleadh na m’ cheum, ’S mi ’bhi ’teàrnadh a’ mhonaidh ’s mo ghunna fo m’ sgéith, Tha m’ inntinn fo mhulad, làn tuiridh na d’ dhéigh, ’S nach iarrainn de’n t-saoghal ach, a ghaoil, ’bhi riut réidh. ’S mi ’bhi ’gabhail an rathaid ’s a chaoinmhaduinn chiùin, Tromh iomall na coille ’s fear na foill’ air mo chùl, Leigidh mise dhuit ’fhaicinn mu choinneamh do shùl Ma ’s e ’s gu’n tréig thu mo chomunn gu’m bheil mi coma co-dhiùbh. AN T-OIGHRE OG. SEISD.— Hó hì ’s na hì iù o, Hó hì ’s na hì iù o, Haor irì ’s na hì iù o, ’S e mo rùn an t-oighr’ òg. Oighr’ òig á Dùnbheagain, Nam pìoban ’s nam feadan, ’S mi gu’n deanadh do fhreagairt, Le fead ceann-a’-mheòir. ’S e ’s fhasan do’n àrmunn, ’Bhi ’falbh anns gach àite, Le ’ghillean ’s le ’bhàta, ’Bha àluinn ’s gach dòigh. [TD 464] Cha bhiodh orm-sa bonn cùraim, Ach thu fhéin ’bhi ga ’stiùireadh, Ged a bhiodh a’ mhuir dhùbh-ghorm Tigh’nn dhlùth do’n t-slait bheòil. Tha ùbhlan ’ad ghàradh, Agus peuran a’ fàs ann, Tha do chrodh air bhàrr fàsaich, ’S tha do bhàta fo sheòl. ’S ann aig gairmeadh a’ choilich, Fhuair mi sgeula na foill’ ort: Chaidh tu seachad an fhagail, ’S cha do thaghail thu òirnn. Sguiridh mise ga d’ iargainn, Bho’n nach fhaigh mi thu ’m bliadhna, Ach, so mo làmh nach mi ’chiad te ’Fhuair briathran do bheòil. AN CIOBAIR DONN. SEISD.— ’S tù gur tù ’s gur tù ’th’air m’aire, S tù gur tù ’s gur tù ’th’air m’aire, ’S tu fhéin, a rùin, gur tù ’th’air m’aire, ’S tu mo chuid-sa de dh-fhir a’ bhaile. Nàile, ’s e mo cheist an cìobair, Fear ’chùil dualaich nach cosd na cìrean, Beul na stuaime fo bhuaidh luchd mì-ruin, ’S e do ghaol nach fhàgadh shìos mi. Dhiùlt mi diùc, agus dhiùlt mi bàillidh, Gheibhainn tighearn’ agus fear no dhà dhiùbh; ’S e mo roghainn de na dh’fhàg mi, Cìobair donn nan caoraich bhàna. [TD 465] ’N oidhche ’bha sinn anns a’ mhonadh, ’S e ’bu bhiadh dhuinn bun an t-seilich, Bàrr an fhraoich air son coinnlean geala, ’S an h-eòin fhiadhaich air son luchd-faire. ’N oidhche ’bha sinn ris an h-uanaibh, Thog na nìgheanagan oirnn mar thuaileas Gu’n robh mis’ ann a’d’ bhreacan suainte: Cha robh, a ghaoil, O, gu’m b’fhada bhuait mi! Thug thu ’n ear dhiom, thug thu ’n iar dhiom, Thug thu ’ghealach gheal ’s a’ ghrian dhiom, Thug thu ’n cridhe a bh’ ann am chliabh dhiom, Cha mhòr, a ghaoil, nach tug ’s mo chiall dhiom. Ged bu leamsa ’fhad ’s a chì mi, Agus urad eile ’mhìltean, Leiginn dhiom a h-uile sgrìl dheth, Air son ’bhi uair ann an cainnt a’ chìobair. Ged a bhithinn-sa marbh am màireach, ’S mo chur sìos fo leacan bàna, Thiginn beò agus gheabhainn slàinte, Ach an cìobair a chur làmh rium. TEAGASG RIGH ARTAIR. Laidh agus éirich air do làimh dheis, Na dean féisd ach sàth; Dean comhairle le do ghaol, ’S na bi ’d aonar ’n aghaidh chàich. [TD 466] ’S mairg a bhiodh gun chomhairleach ’N uair bhiodh neach na ’aonar; Air d’ uailse na dean ro-chuimhne, Ged thigeadh dhuit a dhanadh. Na bi cruaidh a’s na bi bog, Na tréig do charaid air do chuid; A mhic-cridhe na dean trod, ’S na ob e ma’s éiginn duit. Na h-ob sìth ’s na seachainn cogadh, Na h-arguin ann an cill ri d’ bheò; Na dean gnìomh teann as do theangaidh, Na can foill ’s na geall gleò. Na h-aithris na chìtear leat, ’S gur beag an diùbhail ’bhi ’d thosd; Eisd ri còmhradh dhaoine glic, Tuig agus abair gu beag. Na bi briathrach an tigh an òil, ’S labhair gu fòil ri sean fhear; Na abair nach tiùbhradh tu còir, Na h-ob a’s na h-iarr onair. Na bi seilgeach air sràid, Na bi gealtach ’s an ruaig; Na bi ’d bharantas am bréig, Leig i gu féilidh bhuait. Na pòs bean as a sgèimh, ’S gun fhios dhuit ciod è a lochd; Na miannaich i ged bhios i dearg, ’S gur seirbhe blas na caorunn chon. [TD 467] AN DOMHNULLACH URRAMACH. SEISD.— An Dòmhnullach Urramach A dhìreadh na mullaichean, Tha d’ fhòghlum cho àrd ’S ged a dh’ àraicht’ an Lunainn thu. ’S e mo ghaol an t-uasal, A dhìreas moch na cruachan; A ghunna air a’ ghuallionn, ’S gur luath a chuid chuileinean. ’S e mo ghràdh an t-àrmun, A thug Dirdaoin an tràigh air, Gun òlainn do dheoch-slàinte, ’S e b’ fheàrr na bhi muladach. ’S e mo ghaol an t-uasal A thug an raoir an cuan air, ’S bidh ioma té fo ghruamain Mar buanaich a thuras leis. ’S e mo ghaol an t-òigear Is deise ’théid na bhòtainn; Gur ioma caileag bhòidheach, ’Bhiodh deònach gu fuireachd leis. Fhir a’ chualain shnìomhain, Tha ceangailte le sìoda, Ma théid thu do na h-Innsean, Gur mise a bhios muladach. Fhir a’ chualain àluinn, Thog dhomh-sa diomh mo chàirdean; An diugh ma rinn thu m’ fhàgail Cha ’n fheàirrde do thuras e. [TD 468] Sgiobair air na caoiltean, Cho math ’sa bha ri fhaotainn, Sàr chamanaich’ air raon thu, ’S air do thaobh-sa cha tilleadh i. Fhir a’ bhroillich chùbhraidh, Tha d’ anail mar na h-ùbhlan, Do shlios mar eala bhùirn, ’S bu shunndach gach turas leat. Fhir a’ broillich shoillsich, Gu dìreadh na staidhre, Do shùilean mar na daoimein, Cur soills’ anns na h-uinneagan. Fhir a’ broillich ghlé-ghil, ’Choisinn iomadh beum dhomh Cia mar bhios mi réidh riut, ’S iad eucorach uile rium? Fhir a’ bhroillich bhàin-ghil, Choisinn dhomh-se nàire; Ma rinn thu mise fhàgail, Cha ’n fheàirrde mo mhulad e. Sealgair damh na cròice, ’S an lag am biodh an ceòthan, ’S a’ choilich-bhuidhe chrònain, ’S an ròin an cois tuinne, thu. Ma théid thu null air fairge, Le crios nam balla meanbh-bhreac, Le claidheamh a’ chinn airgid, Gu’n dearbhadh tu buillean leis. Ma théid thu nunn a China, Gu ’m bi na fir ga d’ iondrainn, Gu’n tréiginnse mo dhùthaich, A ghiùlan a’ ghunna dhuit. [TD 469] Is e mo ghaol an ceann-ard, Bha ’n raor an tigh na bainnse, ’S ann dhomh-se nach bu chall sud, ’S na bh’ann a’ toirt urraim duit. B’ fheàrr leam na crodh dàra, Na paidhir each an stàbull, Gu’m faicinn thu na d’ bhàillidh, Air stàtaichean urramach. NACH MULADACH DUINE LEIS FEIN. SEISD.— Ho rìthil, o rothan, Ho rìthil, o ré; Ho rìthil, o rothan, Hìllin och, ho ró é. Nach muladach, muladach Duine leis féin; ’S ionnan sin ’s mar tha mise, ’S tric mi sileadh nan deur. Ho rìthil, etc. ’M faca tusa ’n t-òg-uasal Chaidh ’suas a so ’n dé; Le gunn’ air a ghuallainn, ’S e uallach ’na cheum. Ho rìthil, etc. ’N uair a thigeadh tu dhachaidh, Chluinnte farum do cheum; Bhiodh do sheòmraichean cadail, Air an lasadh le céir. Ho rìthil, etc. [TD 470] ’N uair a rachadh tu’n fhireach Leat a chinneadh an t-seilg, Bhiodh na coin leat, ’s do ghillean, ’S do ghunn’ air dheadh ghleus. Ho rìthil, etc. Nach bòidheach ri ’m faicinn Air faice là féill, Na cìobairean uallach A’ cualach na spréidh. Ho rìthil, etc. O! fhir a chòt’ uaine Chaidh a mach a bhuain an dé Mar a tig thu leam dachaidh Ni mi ’n rathad leam féin. Ho rìthil, etc. Gur mis’ tha fo mhulad, ’S ro dhuilich a’ d’ dhéigh; ’S tric tha mi cho deurach ’S nach léir dhomh mo cheum. Ho rìthil, etc. ’S tric a bha sinn gu càirdeil Fo sgàile nan geug, Ach cha mhò leat mi m’ bliadhna Na ialtag nan speur. Ho rìthil, etc. Ged a dh’fhàg thu mi buileach ’An dubhar na gréin, Cinnidh mise mar fhàillein Gun fhàillinn, làn sgèamh. Ho rìthil, etc. [TD 471] FASACHADH NA GAIDHEALTACHD. LE AONGHAS MAC EACHARN, GHLASCHU. AIR FONN.—“Muile nam mor-bheann.” Cha mhacnas no gàir’, tha ’n dràsd air m’ aire, Gu’n iarruinn mo chlàrsach ’thàr am fagus, Cha chluinnear mo dhàn am fàrdaich aighear ’S mi ’n tràsd gun chaidreamh sòlais. Marbh’aisg air ’an làmh chuir sgànradh fada, Thar monaidh a’s sàil fo shàir nam beannaibh; Bu shona mo là an gràdh nan gallan, Nach fàiltich carrant’ ni’s mò mi. Fhuair mi na làraich, fàsail, falamh,— An àiridh ’s am b’ àbhaist tàmh a ghabhail Gun sealgair, gun bhàrd, gun nàmh a bhradain,— B’e fàth làn-aighear ’bhi còmhl’ riu. ’S na doireachan dlùth ’n robh sùgradh ’s aighear, Cha’n fhaicear le sùil ach cùirt nan tighean, Gun eilid air stuchd, a’s,—crùnadh m’ airsneil,— Luchd-ciùil nam beannaibh air fògar. Gach sruthan a’s allt’ ’s a’ cheann le bruthach,— Gach tulaich, gach meall, ’s gach gleann a’ tuireadh, Tha còisir nan crann gun rann, gun luinneag, Bho’n chaill iad buidheann nan òran. Ach ’s éigin dhomh triall, tha ’ghrian a’ luidhe, ’S a’ g’ éiridh ’s an iarmailt fiamh m’ aigne Tha smaointean ro chianail ’lionadh m’ aigne ’S mi ’m bliadhn’ gun charaid ’ni m’ fheòraich. [TD 472] THA DURACHD MO CHRIDHE DHUIT. Tha dùrachd mo chridhe dhuit Seach nighean tha fo ’n ghréin, Ciod e’n t-àite ’m bitheadh tu Nach bithinn ort an déigh? Gur binne leam do chòmhradh, Na ’n smeòrach air a’ ghéig, Gu ’m b’aite leam bhi d’ phògadh An seòmar leinn féin. Théid mi dh’ Ionarneis O! Seachdainn o’ maireach; Théid mi ann gun amharus, Gu faidhir na Féill-Andrais; Bidh leann air na tulaichean A’s tunnachan glé làn deth, ’S gu dearbh ged chosd e’n t-òr dhomh, Gu’n òl mi do dheoch-slàinte. Chunnaic mi Di-dòmhnuich An rìbhinn òg ’s an t-searmoin, Ga ’m maith ga ’n tig na brògan Le’m feòirneinibh airgid; ’S ioma fleasgach bòidheach A’s ògan deas meamnach, Tha ’n làn dòigh ri d’ phòsadh ’S nach gabhadh òr an geall ort. Tha corp is gìl’ nan eala ort, A’ snàmh air bharraibh thonn, ’S cùbhraidh leam blas d’ analach, Na caineal a’s e donn; [TD 473] A ghaoil na bi ga m’ mhealladh, Oir tha m’ anam ort an geall, Gu’m b’annse de pòg d’ bhilean Na Ionarneis ud thall. ’S moch a ghabh mi eòlas Air ainnir òg na féille, Anns na bailte mòra, ’S i fòghlum na Beurla; Mu’n d’ fhaod mi bhi làn eòlach Air bòidhchead a h-aodainn, Gu’n d’ léir i mo chridhe ’uam, ’S a rìs cha’n fhaigh mi féin e. Is ann am Baile-’chaolais A tha mo ghaol-s’ a chòmhnuidh; Innis di nach faod mi ’Bhi daonnan am ònar; Le mheud ’s a thug mi ghaol dhuit, ’S nach faod mi do phòsadh, Mar furtaich thu le d’ ghaol orm, ’S e ’n t-aog m’ àite còmhnuidh. ORAN DO BHATA. LE AONGHAS MAC EACHARN, GLASCHU. AIR FONN.—“Mairi Laghach.” Mur dheàrrsa reult na maidne Roimh na baideil dhùmh’l Chi mi Venus mhaiseach ’Snàmh ’s a challa chiùin; Buill dhìreach, ruighinn, ghramail, Toirt siùil gheala dlùth, Ri sparraibh, sùighte, fallain, Air nach fàilnich lùth’s. [TD 474] Do bhuadhan ’s tric mi ’g àireamh Air an tràigh ri d’ thaobh, Leughar air gach clàr dhiot Grinneas làmh nan saor; Sìnnteach, sniomhach, lannach, Dionach dannar’, dlùth; Giubhas fìnealt, fallain, ’S aisnibh daraich shùight’. ’N am cur sheòl ri d’ chrannaibh, ’S t-acair thoirt a grunnd, Gillean bhiodh ’nan cabhaig, Tarruing ’bhallaibh dlùth; Gu muir ghàbhaidh teannadh, ’S frasan a’ tigh’n dùmh’l, Na meallaibh àrd cha bhac thu, ’S làmh neo-ghealt’ a’d’ stiùir. Air bhàrr thonna caor-gheal Mach air aodann cuain, Frasan cruaidh nam faoileach Tigh’n le gaoir o’n tuath. Luinngeis nan crann-caola, Pasgadh aodaich cruaidh, ’S tusa mar an fhaoileig, Air gach taobh toirt buaidh. Cha ’n ’eil eun ’s an ealtainn ’N uair a‘s caise ’n ruaig, ’Dh’fhàgas ann an astar Té nan lannaibh ruadh; Muir dhù-ghorm ga sgapadh, Sruthaibh bras fo d’ chluais, Buill chaineaba chruaidh an glacaibh Sgiobadh gaisgeil, cruaidh. [TD 475] ’S tu thogadh fonn nam fearaibh, ’N am toirt fearainn dlùth, A’ dìreadh thonn gu h-eangarr’, ’S ga ’n cuir seach’ na ’n smùid; Bhuait cha chluinnte gearan Neo-mhearachdach do chùrs’, H-uile meall a ghleachd riut Chaill e ’neart roimh d’ ghnùis. Cha ’n aithne dhòmh-sa d’ fheartan ’Chuir gu ceart an céill, Do bhuadhan a’s do thapachd Tha gun stad am bheul; Gum a fad’ thu ’d uidheam Sgiobadh ullamh gleust’, A sheasas treubhach, guinneach, ’N uair ’bhios muir tigh’n breun. ORAN LUADHAIDH. Dh’eirich mi moch madainn Chéitein, SEISD.— Faill ill ó hill ù ill ó, Hiùrabh ó hó-ró éile, Faill ill ó hill ù ill ó. ’S chuala mise sgeul bha éibhinn. Faill ill o, etc. Gu’n robh gaisgich dheas air éirigh. Faill ill o, etc. A chur beatha ’n cainnt na Féinne. Faill ill o, etc. [TD 476] Gu cinnteach cha bu bheag a feum air. Faill ill o, etc. Chaidh iad cruinn an ceann a chéile. Faill ill o, etc. Thuirt iad gu’n robh chanain feumail. Faill ill o, etc. Anns an sgoil, cho math ri Beurla. Faill ill o, etc. Sud an duine a rinn feum dhuinn. Faill ill o, etc. Friseal-Mac-an-Tòisich gleusda. Faill ill o, etc. Togaibh luinneag agus séisd dha. Faill ill o, etc. Ardaichear e gus na speuran. Faill ill o, etc. Leis na Gaidheil ’s gach àite ’n téid e. Faill ill o, etc. CUACH MHIC-ILL-ANDRAIS. Is mise ghabh an t-suaineach A cuach Mhic-Ill-Andrais; Gur iomadh neach a chual e, Gu ’n d’ fhuaradh aig mo cheann i; A liughad briuthas uaigneach An d’ fhuair mi deoch a’s dram as S cha ’n fhaca mi na’s buadh’che Na cuach Mhic-Ill-Andrais. [TD 477] Ghnog mi mas a‘ ghurraich, ’S chuir mi cuireadh air an t-searbhanta; Smaoinich mi o’n dh’fhuirich mi Gu ’m faighinn bun an t-seanchuis; Dh’ fheòraich mi de ’s sloinneadh dha, Ged cheileadh iad de b’ ainm dha; Thuirt esan rium gu faoilidh— “Cha bhi aon diubh ort an dearmad. “’S ma tha thu ’g iarraidh eòlais orm, ’S gu bheil thu feòraich m’ ainme, Gheobh thu fios mo shloinnidh Le bhi uine bheag am sheanchus; Is mi Mac-na-pòite- duibhe Bhiodh na suidhe taobh a’ ghealbhain, ’S e ’n t-eorna buidhe b’ athair dhomh, ’S i ’n atharnach mo sheana-mhathair.” Ma ’s e gur tusa ’n urra sin, Gu bheil thu ’d churaidh calma; Cha ’n aithne dhomh fear-teaghlaich Bheir barrachd ort an Alba; Gu cinnteach ’s deagh fhear-gnothaich thu, ’S bu chomharaicht’ air falbh thu; ’S bu dannsair math le fidhill thu ’S a’d’ shuidhe bu tu ’n seanachaidh. Oidhche dhomh air allaban, ’S mi slaparan ’s a’ mhòintich; Chunnacas fear ’s eallach air, ’S e teannachadh a ròpain; Choisich mi gu farasda, ’S bu mhath leam bhi na chòmhdail, Bha buideal air a chùlaobh, ’S e giùlan Mhic-an-Tòisich. [TD 478] “Ille ’s ann a shuidheas sinn, ’S gu’n teannamaid ri seanchus; Bheir mi féin mo ghealladh dhuit, ’S mo bheannachd dhuit m’ am falbh mi; Fuasglaidh mi do chuisleanan, Gu furtachadh do sheanchuis; Bheir mi làn na slige dhuit, ’S cha mhisd thu e ’s an anmoch.” ’N uair shuidh sinn aig a’ bhuideal, Cha robh guth air luchd-na-bainnse, Ged bhitheach iad an oidhche sin, Gun choinlean no gun dannsa. Righ, gu’m b’ olc an t-àm ann, An tiomannan a’ gheamhraidh; ’S ’n uair theannadh iad ri m’ ghluasad, Bu luath leam bha an t-àm ann. ’N uair thòisich iad ri m’ charachadh, Bu ghann gu’n deanainn gluasad; Mo ghlùinean làn de ghearanan Le peirealais na tuaineal; Cha deanainn car ach sgrìodalan, Le m’ ìnnean anns na bruachan; ’N uair thuit mi na mo chadal, Gu’n do lathadh leis an fhuachd mi. Bha m’ aodach air a shrachdach, Agus m’ aodann air a sgròbadh; Mo ghlùinean lan de ghearanan, Le carrachd Mhic-an-Tòisich; Cha deanainn ceum ach slaparan, ’S mo chaiseart ann am phòcaid; ’S bu ghann gu’n deanainn aithneachadh, Air aineolaich no eòlaich. [TD 479] Thachair Dòmhnull Mac-Theàrlaich orm ’S e buain eallach chaorainn; Bha h-uile sguab an ceangal aig’, An taoid reamhair ghaoisid; Bheirinnse mo bharantas, Nach robh an eallach aotrom, ’S am fear a rinn a’ choiseachd, ’S e bha coltach ri fear daoraich. Is mise ghabh an t-eagal, Ged is beag a bh’ orm a chùram, ’N uair smaointich iad gu’n gabhainn sud, De stuth a bh’ air an t-saoghal; A’ mheud ’s a bha dhe m’ chudthrom air, ’S ann thuit mi ann an gaol air, Cha ghabhainnse mar ailis Ged a ghabhamaid an daorach. Is mise ghabh an t-eagal, Cha bu lugha bh’orm a chùram; Mu’n dreathain donn a’ feadaireachd, ’S gu’n d‘ shaoil leam gun robh triùir ann ’N uair chunnaic mi na rionnagan, ’S a sheall mi air mo chùlaobh, ’S ann choltaich mi iad uile, Ri Cuchullainn ’s Dòmhnull Mac-Crùislig. A CHRUINNEAG ILEACH. Och mar tha mi ’s mi ’nam aonar! ’S cianail dh’fhàg thu mi ’n déigh do chòmhraidh, Mo chreach ’s mo dhìbheil nach robh mi’n Ile ’S mo chruinneag dhìleas a’ dol phòsadh. [TD 480] ’S ann an dé fhuair mi’n sgeul a léir mi, Mo leannan fhéin ’s i air bheul bhi pòsda, ’S ma thug thu gealladh dh’fhear eile ’m dhéigh-sa Gu’n cuir mi’n céill pàirt do d’ eucoir dhòmh-sa. Moch sa mhaduinn an àm dhomh dùsgadh Shil mo shùilean a’s dh’fhàs mi brònach, Mu’n sgeul a chualas air feadh an t-saoghail Thu bhi ga d’ ghlaodhaich, a ghaoil, Di-dòmhnuich. ’S iomadh moch-thrath agus anamoch A rinn sinn seanachas ’s a bha sinn còmhla; Sgeul tha dearbhta gu’n d’ fhàs thu searbh dhiom Ged bha do sheanachas a’ dearbh’ dhomh dòchais. Chuir mi ùigh agus chuir mi sùil annad Feuch an dùraichdeadh tu mo phòsadh, Bho’n ’s e fear ùr leis an d’ rinn thu lùbadh, ’S e cridhe brùite a thug thu dhòmh-sa. Leugh thu m’ inntinn mar leugh Delilah, Do bheul ’am bhrìodal ’s do chridhe leòn mi; S’ inntinn luaineach mar ghaoth nan cuantan ’S gu’n dh’earbh do ghluasad mi-shuaireas dhòmh-sa. Cha chuirinn sìos ort air son do mhì-chliù, Tha Solamh ’g ìnnseadh an nì tha sònruicht’ Bean ’s a’ mhìle cha d’fhuair e dìleas, Ach leugh am Bìobul a’s chì thu’n còrr ann. Bheirinn bradan bhar an t-sàile, Fiadh bho àirde nam fuar-bheann mòra; Agus eala bho bhàrr an t-sléibhe Gu’m rogha céile fo ’m sgéith, ’s i leòinte. Cha ’n ’eil mi ’n diùmb’ riut ged thug thu cùl rium, Bho’n ’se fear ùr tha thu ’n dùil ri phòsadh, Na taobh ri ùmpaidh nach labhair ciùin riut Bheir cridhe brùite ann an cùil gun treòir dhuit. [TD 481] Thug thu choill ort ’s cha d’ rinn thu m’ fhoighneachd ’S e fear gun chaoimhneas a rinn thu phòsadh, Toil do chàirdean a thug ’na dhàil thu ’S na ’n robh mi làmh ruit cha d’ rinn thu ’n còrdadh. Thug thu’n àirde bha ’n ear ’s an iar bhuam, Thug thu ghrian bhuam bhàr na mòintich, Thug thu’n cridhe bha stigh am chliabh bhuam, ’S mar d’ thoir thu ’n ciall bhuam cha ’n aobhar bhròin e. Mo cheisd air ainnir na bilean tana Do shlios mar eala ’s do mheall-shuil bhòidheach, Do dhà ghruaidh ’s iad air dhreach nan caoran, Do mhala chaol ’s i mar it’ an lòn-duibh. Tha mi so ’s mi air lagan uaigneach, A’ caoidh na gruagaich a rinn mo leònadh, A rinn mo bhuaireadh le meud a suairceas ’S gu ’n cunntainn suarach te uasal, òrdail. DUTHAICH NAN CRAOBH. SEISD.— A bhi fàgail na dùthcha, ’S a bhi togail a siùil rith’, ’S a bhi stiùireadh a cùrsa Gu dùthaich nan craobh. Gur e mis’ tha fo smuairein, ’S mi a’ seòladh thar chuantan, A’s mi ’g ionndrainn nan duanag ’S tric a fhuair mi ’o m’ ghaol. [TD 482] ’N uair a bha mi le m’ ghràdh-sa Ann an dùthaich nan àrd-bheann, ’S tric a dh’ éisd mi ri ’mànran Fo sgàile nan craobh. Di-dòmhnuich m’ an d’ fhàg mi, A’s mi coiseachd na sràide, Thachair orm-sa mo mhàldag, Le ’blàth-shùilean caoin. Their iad riut gu bheil mi òlar, Gu bheil mi tric ’s an tigh-ùsda; ’S mi gu’n gleidheadh an lòn thu, Ri m’ bheò, ’s cha b’ ann faoin. Faiceam long a’ dol dachaidh, Gu Albainn no Sasunn, Sgrìobhaidh mise gu m’ leannan Gur maireann mo ghaol. Ach ma bhitheas mi maireann, ’S tighinn sàbhailte dhachaidh, Cha téid mi tuille gu marachd; Ni mi fanachd ’s na caoil. Thoir mo shoraidh thar sàile, Ceud soraidh gu bràth ’uam, Dh’ ionnsaidh rìbhinn nam bàth-shùil,— Té ’s feàrr leam ’s an t-saogh’l. Ma ni thu ’m pòsadh m’ an tig mi, Feuch gur feàrr e na mise; Na gabh pòitear no misgear, ’S na gabh idir fear faoin. [TD 483] LEIS AN LURGAINN O HI. Leis an Lurgainn o hì Leis an Lurgainn o hò, Beul an anmoich o hì, ’S fheudar falbh le ’cuid seòl. An Cuan Eirinn o hì, Muir ag éirigh o hò, ’S cha bu léir dhuinn o hì, Nì fo ’n ghréin ach na neòil. Seachad Ile o hì, ’M beul na h-oidhche o hò, Las sinn coinnlean o hì, ’S chuir sinn combaist air dòigh. Seachad Aros o hì, Bha i gàbhaidh o hò, ’N fhairge làidir o hì, Suas gu bàrr a’ chroinn-sgòid Thuirt an sgiobair o hì, Ri chuid ghillean o hò, “Glacaibh misneach o hì, ’S cuiribh reef na ’cuid seòl. Suas a h-aodach o hì, Ri ’croinn chaola o hò, ’Snàmh cho aotrom o hì, Ris an fhaoilinn air lòn. Suas a top-sail o hì, Deanaibh deas i o hò; Bheil e coltach o hì Gu’n tig dosgainn na còir?” [TD 484] Fhuair sinn fosgladh o hì, Mu’n stem-thoisich o hò, Fear ga taomadh o hì, ’S gillean coltach air bòrd. A MHNATHAN A’ GHLINNE SO A mhnathan a’ ghlinne so, ’Ghlinne so, ’ghlinne so, ’Mhnathan a’ ghlinne so ’S mithich dhuibh éiridh. ’S mis’ rinn a mhoch-éiridh, ’Mhoch-éiridh, ’mhoch-éiridh, ’S mis’ rinn a’ mhoch-éiridh, Agaibh-s’ bha feum air. Mharbh iad am buachaille, ’M buachaille, ’m buachaille, Mharbh iad am buachaill’ Bha ’cuallach na spréidhe. An crodh air an togail, An crodh air an togail, An crodh air an togail, ’S na fir air an reubadh. ’S Iain dubh, biorach, dubh, Iain dubh, biorach, dubh, ’S Iain dubh, biorach, dubh, ’G iomain na spréidhe. ’Mhnathan a’ ghlinne so, ’Ghlinne so, ’ghlinne so, ’Mhnathan a’ ghlinne so, ’S mithich dhuibh éiridh. [TD 485] AM “BAL” GAIDHEALACH. LEIS A’ BHARD MAC GILLEATHAIN. SEISD.— Bithibh aotrom ’s togaibh fonn, Cridheil, sunndach, gun bhi trom, ’G òl deoch-slàinte na bheil thall Ann an tìr nam beann ’s nan gleannaibh. Fhuair mi sgeul a tha leam binn, ’Dh’ ùraich gleus air teud mo chinn; ’S bidh mi ’nis a’ dol g’a sheinn, Ged tha mi ’s a’ choill am falach, Gur h-e ’n sgeul a fhuair mi ’n dràsd, ’S a dhùisg m’ inntinn suas gu dàn, ’Bhi ga m’ iarraidh ’dh’ ionnsuidh “bhàil” ’Th’ aig na Gàidheil tùs an Earraich. ’N uair a théid an comunn cruinn, Bidh iad sìobhalta le loinn, Cliùiteach, ciallach, fialaidh, grinn, ’S bheir iad caoimhneas do dh’ fhear aineoil. ’N uair a shuidheas iad mu’n bhòrd, Bheir iad tacan air an òl, ’S fiodhall theud bho ’n gleusda ceòl, ’Cur nan òganach nan deannaibh. Cha bhi sgrùbaireachd mu ’n chlàr Ann an cuideachd ghasd’ mo ghràidh, Aig am bheil an inntinn àrd, ’S nach gabh tàmailt bho na Gàllaibh. ’N uair a théid an fhiodh’ll na tàmh, Bheir iad treis an cainnt nam bàrd ’Dhùisgeas fonn neo-throm ’nan càil Anns a’ Ghàidhlig is glan gearradh. [TD 486] ’Chànain ghasda, bhlasda, bhinn! ’S i ’bha ’n cleachdadh aig na suinn Dhearbh an gaisge anns gach linn, ’S a bha cinnteach ’n àm ’bhi tarruing. Luchd nam breacan! Sud an dream A bha cruadalach ’s gach àm; ’S ’n uair a ghluaiseadh iad bho ’n champ, Chuirte ’n ruaig, ’s bu teann an leanachd. ’S ann aca féin tha ’n t-éideadh grinn! Breacan guaille; féil’ na loinn; Osan geàrr mu ’n chalpa chruinn; ’S boineid ghorm os cionn na mala. Stàilinn ghlas mar ealtuinn giar Chleachdadh anns na baiteil riamh Leis na gaisgich nach tais fiamh, ’S nach biodh riamalach gu tarruing. Bha iad fìrinneach gun fhoill ’N àm dol sìos a’s pìob g’a seinn.— Rùisgte brataichean ri croinn Aig na saigdearaibh nach mealladh. ’S o’n a chinn sibh fhéin o ’n dream Dh’ àraicheadh fo sgéith nam beann, ’Bhuannaich anns an Eiphit geall ’S a chuir Frangaich ás an t-sealladh; Ged tha sibh an tìr nan craobh Cuimhnichibh am beus; na laoich! Leòghainn bhorb bu ghairge fraoch; ’S iad nach aomadh ás a charraid. Ged tha sibh an Albainn ùr, Caithibh an oidhche le sunnd; ’S an deoch-slàinte thig air tùs, Olaibh i gu grunnd, gu fearail. [TD 487] Olaibh air na Gàidheil threun Rachadh acfhuinneach air ghleus, ’S a tha fuasgailteach gu feum; Sealgairean air féidh ’s na beannaibh. Soraidh bhuam do ’n t-sluagh a nùll ’S an tìr ìosail ’n robh mi ’n tùs.— ’S tric a dh’ fheuch iad bàt fo shiùil ’S iad ga stiùireadh ’dh’ ionnsuidh cala. ’S bho nach ruig sinn orra ’n dràsd, Lìon bho grunnd a’ chuach, gu stràic, ’S cuir mu ’n cuairt i nuas gun dàil Ann an onair àird nam fearaibh. AN TEID THU LEAM A MHAIRI. LE MR. IAIN MUNRO. ORAN GAOIL EADAR GAIDHEAL OG AGUS A LEANNAN. AIR FONN.—“Up and war them a’ Willie.” SEISD.— An téid thu leam a Mhàiri, ’S am falbh thu leam air sàile, An téid thu leam air bhàrr nan tonn, Gu tìr nan gleann ’s nan àrd-bheann. Le d’ chumadh dhealbhach, àillidh, Mar dhealradh reult na fàire; ’S e d’ nàdur ciùin do bhàigh ’s do mhùirn, A leag mo rùn ’s mo ghràdh ort. An téid thu leam, etc. ISE.— Cha téid mi leat a Ghàidheil, Mo chàirdean gaoil cha ’n fhàg mi, Cha téid mi null gu tir nam beann ’S cha ’n fhàg mi clann mo mhàthar. [TD 488] Cha téid mi leat a Ghàidheil Mo dhùth’ch a chaoidh cha ’n fhàg mi; Gur bochd am fonn, ’s tha ’n t-aran gann, An tìr nan gleann ’s nan àrd-bheann. Cha téid mi leat a Ghàidheil, Cha ’n ’eil do thigh ach tàireal, Bhith’n fo sprochd, nan robh mi bochd, An tìr nan cnoc ’s nan àrd-bheann. ESAN.— Tha tigh agam cho àillidh Ris ’n tigh ’s an d’fhuair thu t-àrach, Bith cuan a’s fonn ruit fial gach àm An tìr nan gleann ’s nan àrd-bheann. An téid thu leam, etc. Mur ’eil mòr chruinneachd fàs ann An tìr nan gleann ’s nan àrd-bheann, Tha bàrr ni’s leòir a’s fàs an fheòir, An tìr nan lòn ’s nan àiridh. An téid thu leam, etc. Tha agam spréidh le ’n àiltean, ’S mo mheana’-chro’ air na h-àirdean ’S bidh laoigh a’s uain air raon a’s cluain, ’S gur taitneach fuaim am bàirich. An téid thu leam, etc. ’S mur ’eil mo long air sàile Gu saibhreas dheanamh ’n àird dhomh Théid bàt’ a’s lion, gach là gu rian ’S bi’ agad iasg gu t-àilghios. An téid thu leam, etc. [TD 489] An téid thu leam a ghràdhaig An téid thu leam air sàile An téid thu leam air bhàrr nan tonn Gu tìr nan gleann ’s nan àrd-bheann. An téid thu leam, etc. Bith agad éideadh bhlàth-ghlan, A’s breacan mìn mu d’ bhràighe; Cha téid thu mach gun ghille ’s each, ’S bith h-uile neach riut càirdeil, An téid thu leam, etc. Bith tu fallain, slàinteil, Le gaoith a chuain ’s nan àrd-bheann, ’S bith eòin na coill’ ’s nan sliabh gun fhoill, Le òrain bhinn ’cur fàilt’ ort. An téid thu leam, etc. Bith mis’ riut suilbhar’, bàigheil, Mar mhaduinn Shàmhraidh, bhlàth-gheal, Cha tig ort beud nach dean mo chreuchd, ’O n thug mi gaol thar càch dhuit. An téid thu leam, etc. ISE.— Stad a nis a Ghàidheil, Ma chrìdh’, mo rùn ’s mo làmh dhuit, Gu’n tèid mi null gu tìr nam beann, ’O n choisinn fonn do dhàn mi. [TD 490] OG UR A’ CHUIL BHAN-GHIL. Rinneadh an t-òran a leanas do Chaiptin Cailein MacIlleathain, fear an Lagain, le Iain Mac Eacharna, (am Pìobaire Cam), a bha ann am Bogha-mòr an Ile. SEISD.— O, gur maith leam gu ’n d’ thàinig Og ùr a’ chùil bhàn-ghil, O, gur maith leam gu ’n d’ thàinig Thu sàbhailt’ do’n tìr. O’n a thàinig thu ’n bhaile Cha ’n fhacas gruaim ort no smalan, Og ùr a’ chùil chlannaich, Leam is taitneach do thìt. Tha do ghruaidh mar an caoran, Sùil mheallach a’ d’ aodan, Fo’n mhala is caoile, Cha ’n ’eil t-aogasg ’s an tìr. O, gur maith leam, etc. B’ fheàrr gu ’m faicinn thu ’d chòirneal, B’ fheàrr gu ’m faicinn thu ’m mòr-chuis, B’ fheàrr gu’m faicinn an cùirtear Bhi ’n a Dhiùc no ’n a rìgh, Thu glaodhaich an òrdugh Na réiseamaid shònruicht’, Clann Illeathainn o ’n Dreòlainn, An dream bòidheach nach strìochd. O, gur maith leam, etc. Gu’m bu chompanach Diùc thu, ’N àm suidhe ’s tigh chùirte, ’S ’n àm siubhal nan stùchd-bheann Bha thu lùghor gun sgìos; [TD 491] Bu tu nàmhaid an ruadh-bhuic, ’S na h-eild’ air an fhuaran, Roimh d’ fhùdar ’s roimh d’ luaidhe, Cha bu luath mac na frìth. O, gur maith leam, etc. Bu tu iasgair na h-amhunn ’N uair a bhiodh tu aig baile, Agus dròbhair nan aighean Aig faidhir an rìgh; Bu bhòidheach le d’ each thu ’N uair a bhiodh tu g’ a mharcachd, Paidhir phiostal a’ d’ achlais, ’S cha bu ghealtair thu fhéin. O, gur maith leam, etc. O’n fhuair thu nis céile, Rìgh gu’m meal thu dhuit fhéin i, Air bheil maise na peucaig Ann an beusan ’s an gnìomh, ’S beag an t-ioghnadh mar tha i, ’S ùr a’ choill o’n do dh’ fhàs i, ’S dosrach, ùrail, fo bhlàth i, ’S bòidheach fàbhar Chloinn Nèill. O, gur maith leam, etc. ’S GANN GU’N DIRICH MI CHAOIDH. LE TORMAID MAC NEACHDAIL, SCORRABHREAC. SEISD.— ’S gann gu ’n dìrich mi chaoidh, Dh’ ionnsuidh frìthean a’ mhonaidh, ’S gann gu’n dìrich mi chaoidh. [TD 492] Thàinig litir á Dun-Eideann Nach faodainn fhéin nis dol do ’n mhonadh, ’S gann, etc. Pàdruig Mòr an Ceann-Loch-Aoinard, Rinn e ’n fhoill ’s cha d’ rinn e buinneig. ’S gann, etc. Tha mo ghunna caol air meirgeadh, Cha téid mi do ’n t-sheilg leis tuille. ’S gann, etc. Théid a chrochadh air na tàirngnean, ’S cha b’ e sin leam ’àite fuireach. ’S gann, etc. ’S ioma latha sgìth a bha mi, ’N àm shuidhe leis ’s e làn, air tulaich. ’S gann, etc. Gabhail sealladh air na sléibhtean, Far am bi na féidh a’ fuireach. ’S gann, etc. Far am bi ’n damh ’s a chùl brùite, ’N uair rachainn-sa le m’ rùn air m’ uilinn. ’S gann, etc. ’S tric a mharbh mi fiadh nan stùchd-bheann Air mo ghlùin ’s mi lùbadh m’ uilinn. ’S gann, etc. Mar a biodh bràthair mo mhàthar, Bhiodh fiadh nan àrd-bheann a’s fuil air. ’S gann, etc. Ach o’n dh’ fhàs an lagh cho làidir, ’S fheàrr bhi sàbhailt’ o gach cunnart. ’S gann, etc. [TD 493] Na ’m biodh mo chrodh-laoigh air buaile, Dh’ fhaodainn luaidh’ a chur á gunna. ’S gann, etc. Ach a nis gur fheudar strìochdadh, ’S fear gun chiall a théid an cunnart. ’S gann, etc. Fhuair mi litir ’o na h-uaislean, Nach fhaodainn luaidh’ a chur á gunna, ’S gann, etc. Bheir mi ’n ruaig so do na h-Innsean Feuch an dean mi fhéin ann buinneig. ’S gann, etc. Cha ’n fhaic Pàdruig mi air fàireadh, ’S cha chluinn e stàiririch mo ghunna. ’S gann, etc. ORAN A’ BHUACHAILLE. RINNEADH an t-òran a leanas le Dòmhnull Siosal, (Dòmhnull-dubh-a’-bheòil-bhinn), a bha ’n a bhuachaille-monaidh neart a làithean ann an Gleann Afaraig, a’m bràigh Srathghlais. Tha beinn mhòr, chruinn, àluinn, anns a’ ghleann do ’n ainm a’ “Chìoch.” Bha Dòmhnull ro ghaolach air a’ Chìoch ’s bhiodh e tric a’ seinn a cliù. Ach b’ fheudar dealachadh rithe. Dh’ fhalbh e fhéin agus a theaghlach, còmhla ri ’chinneadh ’s ri ’chàirdean ’n uair a chaidh an sluagh fhuadach á Srathghlais anns a bhliadhna 1801, ’s chaidh iad thairis gu Nova Scotia Mi ’m shuidhe air a’ Gholl-ruidhe, ’S m’ inntinn trom fo bhonn beallaich. SEISD.— Seinn, och ho ro, seinn, Seinn, och ho ro, chailin, Seinn, och ho ro, seinn. [TD 494] An diugh cha dìrich mi ’n t-àrd-bheann, ’S cha ’n e thearnadh bu mhath leam. Seinn, etc. Tha leann-dubh orm a’ drùghadh, ’S uisg’ mo shùilean ga m’ dhalladh. Seinn, etc. Chuir mo bhanaltrum cùl rium, Chaill mi ’n cupan ’bha fallain. Seinn, etc. Fhuair na Frisealaich còir ort, ’S chaidh mis’ fhògar le m’ aindeoin. Seinn, etc. Ceithir bliadhna ’s a fichead, Bha mi sìnt ’air do bhainne. Seinn, etc. ’S tric a bha mi gu h-uallach Air do ghuallainean geala. Seinn, etc. Air a’ chreathlaiche chruadail, An taobh shuas dhiot ’s an Earrach. Seinn, etc. ’S fuar séideadh do shròine, ’N uair a thòisicheas gaillionn. Seinn, etc. Dé tha ’cur air mo phàisde, Rinn mi àrach gun ainnis. Seinn, etc. Gheibh thu crìochan an Dùnain ’S Cnoc-fhinn ’s na bi talach. Seinn, etc. [TD 495] Cia-mar riaraicheas sin m’inntinn, ’S mi fhéin cinnteach nach mair e? Seinn, etc. ORAN DO THIGHEARNA LOCHABUIDHE, AIR DHA BHI ’TIGHINN GU CUIRM BHLIADHNAIL NAM MUILEACH ANN AN GLASCHU, 1878. LE IAIN OG MAC PHAIDEIN. AIR FONN.—“Faill ill oro, faill ill o, faill ill oro éille.” So deoch-slàinte Mhurchaidh òig, Olamaid gu léir i, ’S i so deoch-slàint’ an t-shàr dhuin’-uasail, Gu’m bu dual bhi treubhach. So i ’n sgeul a thog oirnn fonn, ’S na paipeirean g’a leughadh, Tighearn’ òg Lochabuidhe Na cheann-suidhe air na treun laoich. Lìon a’ chuach a nuas dhuinn stòp, Cha phòiteireachd gun bheus i, Cha Mhuileach fear nach òladh i, ’S nach cuir an t-òr ’n a h-éirig. Gur glan am frìth ’s an d’ chinn an crann A dh’ fhàs gun mheang gun bheud air, An doire dlùth nan ùr-mheur stocach, Flùrach, dosrach, geugach. ’S tu ’n fhior fhuil uasal, dh’ fhàs gun truailleadh, Dhuit bu dual bhi treubhach, Bho cheann nan ceudan bliadhn’ air ais, Gu ’n cluinnt’ am feachd ’s an euchdan. [TD 496] ’N uair thogt’ a’ bhratach suas ri crann, Gur h-ioma sonn a dh’ éireadh. Na fir mhòr a thig o’n Dreòlainn, ’S Iarl’ Antruim à Eirinn. Gur math thig spuir a’s bòtainn ùr. Mu’n troigh is lùghor ceuman, Gur cruidhach, iallach, steud ’n a fhiamh, Nach tàrr’neadh srian aig féighich. Gur tric do luirg ’s an liath-dhealt mhaduinn, Feadh nan glac ’s na sléibhtean, ’S bhiodh fuil air cròic-dhamh cabarach Mu ’m faicte gathan gréine. Gur lionmhor uasal a dh’inbh’ àrd A thig do ’n tàll’ a’d’ éisdeachd, Bidh oighre Pheigh’n-a’-ghàidheil ann, ’S gur h-àilleachd am measg cheud e. ’S an talla mhòr ’s am bi sibh cruinn Gur binn leam srann nan teud ann, A’s pìob le pong, a thogadh fonn, Ged bhiodhmid trom fo éislein. NA’M FAIGHINN GILLE R’ A CHEANNACH. LE AILEIN DUGHALACH. Na ’m faighinn gille r’ a cheannach, A bheireadh beannachd gu Màiri, ’S mo shoraidh le caoimhneas A dh’fhios na maighdinn a chràidh mi; Ged nach tug mi dhuit faidhrean, Ann am foill dhuit cha d’ fhàs mi: ’S mar am math leam thu fallain. Nar a meal mi mo shlàinte! [TD 497] Nar a meal mi mo chòta, Mar b’e mo dheòin a bhi làmh riut, ’S a bhi brìodal ri ’m leannan, A’n seòmar daingean na clàraidh, An iuchair fhaotainn ’am phòca, ’S gun an tòir a bhi làmh ruinn, ’S mi gu’n deanadh do phògadh, Gun fheòraich de m’ chàirdean. Gun fheòraich de m’ chàirdean, ’S fad’ a dh’ fhalbhainn a’ d’ choinneabh, Far an deanainn riut còdhail, Cha bhithinn beò gun a cumail: Tha mo dhùil anns a’ mhaighdinn Nach tréig do chaoimhneas mi uile; ’S mar do chaochail thu àbhaist, Gheibhinn t’ fhàilt’ agus t’ fhuran. ’S e t’ fhuran a leòn mi, ’S a dh’ fhàg am bròn so air m’ aigne, A thromaich m’ inntinn fo éislein, Cha dean mi éiridh an gradaig; Tha mo chridhe neo-shunndach, Tha mi brùite fo m’ aisnean, Aig a’ mheud ’s thug mi ghaol duit, ’S nach fhaod sinn ’bhi tachairt. Nach faod sinn bhi tachairt An àite falaich no ’n uaigneas, Far an deanainn riut beadradh, A’s tacan cleasachd air uairean; Ach ’s e lagaich mo mhisneach, Nach fhaod mi tric ’bhi mu ’n cuairt dhuit; B’ fheàrr a phòg na ’bhi falamh, Mar am faigh mi do bhuanachd. [TD 498] Mar faigh mi do bhuanachd, B’ fheàrr gu ’m buailte mi thairis; ’S gu ’n càirte fo ’n lic mi Ann an ciste chaol dhaingean; Mu ni thu mo thréigsinn, B’ fheàrr gu’n eugainn, ’s nach fanainn, Aig a meud ’s thug mi ’spéis dhuit, Cha ’n ’eil m’ éibhneas air thalamh. Cha ’n ’eil m’ éibhneas air thalamh, Mur am faigh mi thu Mhàiri! Cha dual domh bhi fallain Mu bhios mi fada mar tha mi; Cha ghuidhinn mo ghalar Do m’ charaid no ’m nàmhaid; Chaidh acaid a’ m’ chridhe, ’S cha dean lighiche stàth dhomh. Cha dean lighiche stàth dhomh, Cha ’n fhaigh mi plàsda ’ni leigheas; Tha mo thrioblaid do-thuigsinn, Do dh’ fhear nach d’ fhairich a leithid; Mur dean thusa rium fàbhar Bidh mi cràiteach fo dheireas; Ach ’s e ’dheanadh mo shlàinte, Pòg no dhà bho d’ bheul milis. Beul milis, dearg, daithte, Deud shnaidhte mar dhìsnean, Sòil ghorm is glan sealladh Fo ’n chaol mhal’ aig an rìbhinn; Tha cùl buidhe mar òr ort, Is bòidhche na ’n dìthean; Blas na meal’ air do phògan, ’S b’e mo dheòin bhi riut sìnnte, [TD 499] Ged ’chum mi falach an sgeula Tha mi ’n déigh bho chionn greis ort, Aig a’ mheud ’s thug mi ghaol duit Tha m’ aodann air preasadh: Dh’ fhàs glaise ’n am ghruaidhean, ’S bochd a’ bhuaidh th’ air an t-sheirc sin, A chaochail mo shnuadh dhiom, Mar dhuine truagh ’thig á teasaich. Mar dhuine truagh thig á teasaich, A bhiodh fad ann am fiabhras, ’S ann a dh’ fhàs mi mar fhuathaiche, Cho cruaidh ris an iarunn; Ach bho thoiseach ar sìnnsridh, “’S trì nith’ thig gun iarraidh, An gaol agus eagal, ’S gun leth-sgeul an t-iadach.” ORAN A’ BHALOON. Thàinig am “Baloon” so á Eirinn bho cheann beagan bhliadhnachan. Bha e air uairean a’ tighinn cho dlùth do’n ghrunnd ’s gu ’n d’ rinn e moran millidh air gàraidhean criche mu’n cuairt do Phort-Ellen. Mu ’s fior am bàrd bha cuid de na seann daoine air an cuir thuige gu mòr, oir shaoil iad gu’m b’e olc a thaobh eigin a bh’ann, agus feumar aideachadh gu’n robh aobhar aca: Tha e glé chosmhail gu’n robh cuid dhiubh nach cuala riamh iomradh air a leithid, gun tighinn air fhaicinn. Rinneadh an t-oran aighearach so le Gilleasbuig Mac Affara, ann an Ile. B’e sud a’ bhliadhna fhiadhaich, bha piantach do iomadh neach, A’ bhliadhna thàin’ an diabhul, air sgiathan o’n àirde-deas, Shaoil na peacaich iargalta, ’bhliadhn’ ud gu ’n robh iad leis. A’s ghuidh iad air an Trianaid, na Diadhairean a bhi deas. [TD 500] Cha chualas ann am fàisneachd na fàidhean a bh’ ann o shean, Gu’n robh sùil ri Sàtan, ’s na h-àiteachan so air leth, Ach ’s e ’n latha thàinig e, chaidh sinn o bhi air chleith, ’Sinn gun dòigh air sàbhaladh—b’fheàrr dhuinn nach deach’ ar breith. B’e sud an latha muladach, bha h-uile duine ri bhi ’n sàs, Cha robh ùin’ air aithreachas, a thaobh nach d’ amhairc sinn air tràth, Cha robh ’n creideamh daingean againn, ’s cha robh math dhuinn dol ’n a dhàil; Cha robh do neart a’n gin againn na ghleidheadh mionaid sinn o’n bhàs. Ged dh’ éireadh sluagh Phort-Ellen ’s a’ h-uile ministeir a bh’ ann, Chuireadh esan crith orra, ’tigh’n thar na linne oirnn a nall; Tha fhios gu math nach b’urrainn duinn, bhi strìth ri cumail ris gun taing. ’S air son sinn a bhi bhruidhinn ris, cha tuigeadh esan smid dheth ’r cainnt. Bha iomadh cridhe fannachadh, an àm do’n Tamhasg tigh’n a nall, Ach cha robh stàth bhi gearan air, cha’n fhaighte maitheanas ’san àm; Ghlaoidh sinn ’n uair a mhothaich sinn da, gu’n robh ’n donas oirinn teann; “Thàinig so mu dheireadh oirnn, ’se lath’ a’ bhreitheanais a th’ann.” B’e sud an sealladh anabarrach, anamoch ’n uair luidh a’ ghrian, Connsachadh a’s argumaid aig cailleachan ’s aig bodaich liath, Mìneachadh ’s a’ dearbhadh, gach seanachas a bh’ aca riamh Mu’n leòghan bheuchdach, gharg, an sean ainm bh’ac’ air a’ bhiasd. Bu shearbh dhuinn am feasgar ud, cha deanadh teicheadh feum air bith. H-uile h-àite rachamid, bhiodh esan fagus dhuinn an sin, ’S ann bu ghann a sheasmid, chionn bha ar n-easgaidean air chrith, ’S sinn gun dòigh gun leth-sgeul againn, ach bhi leis a’ h-uile gin. [TD 501] ’N uair chunnaic sinn an àird e, ’s a’ fàs as ar cionnn cho dùmhl’, A’ tuiteam o na speuran, ’s a’ deanadh oirnn gu math dlùth; Bha cuid ag ràdh ri chéile, “’s e so an reul ás an robh ’n smùid, ’S mar an e ’s e ’n t-àibhistear e, ’s daoine caillte sinn co-dhiù.” ’S e bu luaithe na ghaoith, an uair a shaoilt’ e bhi ’n a stad, ’S ged a chìt’ e tigh’n gu talamh, b’ fhaisg do’n ghealaich e gun ag; Fhuair sinn an aon sealladh air, ’s gach àit’ ’n fhearann so cho grad, ’S gu ’n tugadh iomadh barail air, ach thug e’n car ásainn air fad. Thionndaidh e anns gach cuma, ’s dh’ atharraich e dusan dath, Bhiodh e uaine, dearg a’s buidhe, lachdunn, odhar, duhh, a’s geal, Donn a’s gorm, ruadh a’s riabhach, ’s uair a’ dol ’n a stealla glas, Bhiodh e uair cho mòr ri mullan, ’s uair cho beag ri ubh eòin-glais. Thug e Cille-Bhrìd’ air, ’s da-rìreadh cha b’ann ’n a thàmh, Tha sin mòr r’a ìnnseadh, na mìorbhuillean rinn e ann, Rinn na daoin’ an dìchioll, g’a mhìneachadh neo-air-thaing. Ach tha e fad r’ a sgrìobhadh, ’s ro lìonmhor r’a chuir an cainnt. Bha e shios ’s an Odh’ aca, seòladh os cionn nan creag, Eadar Tòrr-na-Mònadh a’s còrsaichean Thòrr-a’-Chneimh; Cha d’ fhan cathag bheò ann, na ròcaideach nach do theich, ’S mar ’n do theich na daoine, cha ’n fhaod sinn a bhi g’a chleith. Ged nach d’ rinn e cron oirnn, ach gabhail thairis os ar cionn, Cha mhòr a rachadh fagus da, ’s an àm a stad e air a ghrunnd; Bha sinn ceàrr am bitheantas gus an d’ fhuair sinn fios a chur a nunn. ’S thug iad dhuinn, na daoine laghach, ainm ’s a shloinneadh, “am Baloon.” [TD 502] ORAN. LEIS AN LIGHICHE MACLACHAINN NACH MAIREANN. Tha na siantan air caochladh, tha ’n saoghal fo sprochd, Chuir an doineann fhuar, fhiadhaich an ianlaidh ’n an tosd; Tha sneachda trom, dòmhail a’ còmhdach nam beann,— A’ lionadh nan glacan, ’s a’ tacadh nan allt, ’S mise ’feitheamh an aisig aig carraig a’ chaoil, Ri smaointean air àbhachd nan làithean a dh’ aom. Ann an làithean ar n-òige dol ’an còmhdhail an t-sluaigh, Cha sheall sinn ach faoin air mar dh’ aomas iad ’uainn; Cha tig e ’n ar smaointean cho goirid ’s tha ’n dàil, Gus am brùchd oirnn gach leòn ni ar lùbadh gu làr, Gun chùram gun éislein iag teumadh air taobh Air làithean a’ snàg ’uainn gun àireamh air aon. ’N uair a luidheas an aois oirnn ’s a dh’ aognas ar snuadh, Ar ciabh ’dol ’an tainead, agus smal air ar gruaidh, Bi’dh teugmhail nan còmhlan a’ còmhradh gu truagh, Agus càirdean ar n-òige air sòmhladh ’s an uaigh, ’S ann an sin bhios ar cridhe làn mulaid a’s gaoid, Ri smaointean air àbhachd nan làithean a dh’ aom. O! Ard-Rìgh na cruinne, ceann-uighe ar dùil, Air an t-sneachda fhliuch, fhionnar dhuit a lùbas mi glùn; ’S guidheam gu’n òrduich thu dhòmh-sa gu glic, ’Bhi ’cuimhneachadh d’òrduigh gu h-umhal ’s gu tric, Chum ’n uair chrìochnaicheas m’ astar ann an glacaibh an aoig, Nach cuimhnich thu m’ fhàilinn anns na làithean a dh’ aom. [TD 503] ’S ANN AIR FEASGAR DI-CIADAIN. LE MURACHADH MAC LEÒID, AN SAIGHDEAR SGIATHANACH. Ni mi innse le fìrinn, an nì rinn mo chràdh, Nì bheir snith air mo shùilean, ’s a dhùineas mo chàil, An gaol thug mi ’n mhaighdinn bu chaoimhneile gnàth, D’ am b’ ainm Màiri Anna, tha ’s an anart a’ cnàmh. ’S ann air feasgar Di-ciadain ’n uair bha ’ghrian anns na neòil, A’ dealradh gu sgiamhach le sgiathan mar òr, ’Thachair mise ’s mo ghràdh ann an gàradh nan flùr, Is bha fàileadh nan ùbhlan gu cùbhraidh mar thùis. Rinn mi fhoighneachd do ’n òg-bhean, gu stòlda ’s gu ciùin, “’N téid thu còmhl’ rium, mo mhàltag gu sgàile an tùir, Far neach ’eil nì gus ar còmhdach, bho lòinteag an driùchd, Ach duilleagan bòidheach nan òganan ùr.” “Théid mi leat roimh gach cunnart air muir a’s air tìr, ’S gu’n dean mi fuachd fhulang, gus do chumail gun dìth, ’N uair a théid thu do’n bhlàr, bidh mi làmh riut le m’ sgéith, Chum do dhion o na nàimhdean ’n uair thàrr’nte lann geur.” ’N uair thuig a h-athair ’s a màthair gu’n robh Màiri an gaol, Rinn iad fhoighneachd gun dàil dhi, co h-àilleagan caomh? Thuirt i riu gu’m bu ghunnair e, o mhullach an t-sléibh, No á Gàidhealtachd na h-Alba, far am marbhte na féidh. ’N uair a chual iad am facal, gu’n do ghlais iad i suas, Ann an seòmar a cadail, fad seachdainn gun truas; Bha mo chrìdh’ air a bhristeadh, nach fhaighinn bruidhinn ri m’ luaidh, ’S i gu’m choimhead roimh ’n uinneig, le snith air a gruaidh. Thàinig litir gu ’m ionnsuidh, air a dùnadh gu dlùth Mi ’ruith sios gu siùbhlach gu cùl-thaobh an dùin, Far an robh carbad gu mùirneach, gus mo ghiùlan gun dàil, Gu paileis duin’-uasail, far ’n robh gruagach mo ghràidh. [TD 504] ’N uair a ràinig mi ’n aitreamh, ’bha mar shneachda nam beann, Gu’n do sheas mi gun fhacal, air stairsneich an tranns’, Gus an d’thàinig fear ghlas-chinn, ’s na deòir a’ frasadh o ghruaidh, ’S thuirt e “’s tusa Mhic Leòid a chuir an òg-bhean do’n uaigh.” Thug e suas mi do ’n àite ’s an robh m’ àilleagan buan, Rinn a sùilean ciùin dràbhadh, ’s dreach a’ bhàis air a gruaidh, A bha cho dearg ris na ròsan, ’s a bha bòidheach a’s suairc, ’S ’n uair a rug mi air làimh oirre, dh’ fhàg a cainnt i gu luath. Ach sheall i orm-sa ’s an aodan, gu caomh mar a b’ àbh’ist, ’N uair a phòg mi ’bilean gaoil bha mar chaoran air fàs, Rinn a gruaidhean ciùin aomadh, le aogas a’ bhàis, ’S gu ’n d’ dhùin i ’sùil shocair, gun a fosgladh gu bràth. HORO CHALL EILLE. SEISD.— Horó hi hórinan, horó chall éille, Horó hi hórinan, Gur e mis’ tha fo mhulad, Air an tullaich ’s mòr m’ éislein. Horo hi, etc. Chunnaic mise mo leannan, ’S cha do dh’aithnich e ’n dé mi. Horo hi, etc. Chunnaic mis mo luaidh, Dol seachad buaile na spréidhe. Horo hi, etc. Chunnaic mis’ e ’n dé seachad, Air each glas nan ceum eutrom. Horo hi, etc. [TD 505] Cha d’ fhiosraich, cha d’ fharraid, Cha do ghabh e dhiom sgeula. Horo hi, etc. Ach cha ruigeadh e leas e, Cha robh mise ’n trom dhéigh air. Horo hi, etc. ’N latha bha mi ’s a’ bhàta Ghabh mi nàire mu d’ dhéighinn. Horo hi, etc. ’Dol timchioll an rudha, Bha mi dubhach, trom, deurach. Horo hi, etc. Gur ann shuas air an àiridh, ’Ghabh thu, ’ghràidh, a’ cheud spéis dhiom, Horo hi, etc. ’S iad mo rùn-se Clann Dòmhnuill, Sin an còmhlan nach tréig mi. Horo hi, etc. Sian Mhuire ’s an Dòmhnaich, Le Clann Dòmhnuill nan geur lann. Horo hi, etc. Fhir chalpanna troma, Chùl donna, cheum eutrom. Horo hi, etc. Luchd tharruing nam biodag, Bho chriosan an fhéilidh. Horo hi, etc. ’S nan gunnachan dubha, Dheanadh bruthadh a’s reubadh. Horo hi, etc. [TD 506] Luchd nan claidheamhan geala, Chìte faileas ri gréin dhiubh. Horo hi, etc. Thug sibh mionnan a’ Bhiobuill, Air Srath ìosal Uillt-Eireann. Horo hi, etc. Nach rachadh claidheamh an cùil Gus an crùinte Rìgh Seumas. Horo hi, etc. SEUD NAN GLEANN. LE IAIN MAC-A’-CHLEIRICH. AIR FONN.—“Cailein donn a chualain réídh.” SEISD.— Ha ho rò mo chruinneag fhéin. Dh’ fhag mi thu ’s bu trom mo cheum; ’S tha mi ’n diugh air bheagan feum A’ caoidh mar b’ fheudar dealachaidh. Shaoil leam uair mi bhi cho treun Ri òg-chraoibh an cois an t-sléibh, Ach ’n uair ’chuir mi cùl riut fhéin Bha’n chridhe treun a’ fannachadh. ’S ioma uair am shuain an raoir ’Chuala mi do dhuanag aosd’, Ag radh: “a rìs gu gleann nan craobh O till a ghaoil ’s mi fadalach.” Thilinn fhéin ri éigh an duain Mar eala chaoin ri glaodh a’ chuain; Ach cha’n fhaodar leam a luaidh Ge mòr mo smuain ’s mi airsneulach. [TD 507] ’S ionndrainn mhor an sùgradh blàth Bho ’n ainnir chiùin a fhuair mo ghràdh, ’S i gorm shuil chaoin a shealladh tlàth, Ag ìnnseadh gràidh nach d’ aidichear. Ged bheir smeòrach ceòl o’n chrann, ’S uiseag fòs o chèo nam beann, ’S beag mo spéis diubh anns an àm Gun Sèud nun Gleann bhi maille rium. C’ AITE ’N CAIDIL AN RIBHINN. SEISD.— C’ àite ’n caidil an rìbhinn an nochd, O, c’ àite ’n caidil an rìbhinn? Far an caidil luaidh mo chrìdh’ O, ’s truagh nach robh mi féin ann! Tha ’ghaoth a’ séideadh oirnn’ o’n deas, ’S tha mise deas gu seòladh,— ’S nan robh thu leam air bhàr nan stuadh A luaidh cha bhithinn brònach. Bha mi deas a’s bha mi tuath, ’S gu tric air chuairt ’s na h-Innsean, ’S bean-t-aogaisg riamh cha d’ fhuair mi ann, No samhladh do mo nìgh’naig. ’S ann ort féin a dh’ fhàs a’ ghruag, Tha bachlach, dualach, rìomhach, Fiamh an òir is bòidhche, snuadh, ’S e dol na dhuail ’s na cìrean. Cha tog fiodhall, ’s cha tog òran, ’S cha tog ceòl na pioba; No nigh’nag òg, le cainnt a beòil Am bròn ’tha ’n diugh air m’ ìnntinn. [TD 508] ’S e dh’ iarrainn riochd na h-eala bhàin A shnàmhas thar a’ chaolais, A’s rachainn féin troimh thonnaibh breun A chur an céill mo ghaol dhuit. Tha nis gach nì a réir mo dheòin, Gach achfhuinn, ’s seòl mar dh’ iarrainn ’S gun mhaille théid mi air a toir A’s pòsaidh mi mo nigh’nag. HA U RO MO NIGH’NAG. AIR FONN.—“An gille dubh cha tréig mí.” SEISD.— Ha u rò mo nìgh’nag, Na hu ho rò mo nìgh’nag; Mo nighean donn nan miog-shuil Gur sìobhalt’ a’ chailleag thu. Cha ’n fhaic mi bean do bhòichead ’S an eaglais air an Dònuch Troidh chuimir ’am broig-chòmhnaird Nach toir air feòirnein carachàdh. Cha ’n fhaicer leam bean t-aogaisg An taobh so dh’ Ionaraora; Do ghruaidhean dearg mar chaorann, ’S gu’r mòr an gaol a ghabh mi ort. ’S i sud a mhain a’ ghruagach A dh’ iarrainn leam do ’n bhuaile A bhleodhan a’ chruidh-ghuaillionn ’S a sheinneadh duan gu h-ealanta. Tha d’ fhalt gu bachlach, dualach, Na chamagan mu d’ ghuaillibh; ’S na’m biodh mo chrodh air buaile Cha ’n fhuasgladh fear fearainn thu. [TD 509] Cha leig mi ceann air cluasaig Nach bi mi ort-se bruadar, A’ carachadh ’s a gluasad, ’S cha bhi mi buan mur faigh mi thu. ORAN CHLOINN-LACHAINN. Latha dhomh ’s mi ’n coill nan dearcag Feadh an fhraoich ri taobh an aitinn. SEISD.— Och o hì, hug órinn och o Och o hì, hug órinn ó; Na huiribh i ó, hug órinn och o. Feadh an fhraoich ri taobh an aitinn ’Buain nan cnò air bhàrr gach slataig ’Buain nan cnò air bhàrr gach slataig Chualas fùdar cluais g’ a lasadh, Chualas fùdar cluais g’ a lasadh, ’S dh’ fhoighnich mi co rinn a’ chaismeachd. Dh’ fhoighnich mi có rinn a’ chaismeachd, ’S gur mi féin nach ruigeadh ’leas e. ’S gur mi féin nach ruigeadh ’leas e, Oigear uasal de Chloinn Lachainn Oigeir uasal de Chloinn Lachainn Dha math an tig an còta breacain, Dha math an tig an còta breacain, ’S féile cruinn de’n bhreacan daithte, Féile cruinn de’n bhreacan daithte, ’S boineid dhù-ghorm anns an fhasan, Boineid dhù-ghorm anns an fhasan, ’S osain gheàrr nach iarr an gartan, [TD 510] Osain gheàrr nach iarr an gartan, Shiùbhlainn leat ’Ghleann-laoigh air astar, Shiùbhlainn leat ’Ghleann-laoigh air astar, Mar sud agus dà thaobh Loch-Arcaig, Mar sud agus dà thaobh Loch-Arcaig, ’S truagh a Righ nach d’fhuaradh mac dhuit, ’S truagh a Righ nach d’fhuaradh mac dhuit, Cóig, no sè, no eadhon seachd dhiubh Cóig, no sè, no eadhon seachd dhiubh ’S dh-òilte fion os-cionn am baistidh, Dh-òilte fion os-cionn am baistidh, Mar sud agus Mac-na-bracha! Mar sud agus Mac-na-bracha! ’An tigh mòr an ùrlair fharsuing, ’An tigh mòr an ùrlair fharsuing, ’S gheibhinn àit’ dha’n t-seachdnar mhacan. Gheibhinn àit’ dha’n t-seachdnar mhacan— Fear ’na Dhiùc dhiubh ’s fear ’na Mharcus! Fear ’na Dhiùc dhiubh ’s fear ’na Mharcus! Fear ’na Iarla ’s fear na Chaiptein! Fear ’na Iarla ’s fear na Chaiptein! Fear na Cheannard air na Gaisgich! Fear na Cheannard air na Gaisgich! ’S fear na Sgrìobhadair am Peirt dhiubh! [TD 511] HORO HO EILEINICH. Chall uillirinn ì, chall uillirinn ó. Co chunna mi seachad air an each ’s e ’n a leum? Horo ho eileinich, no chall éile horo. Tighearn’ òg Locha-buidhe, ’s a’ bhuidheann ’n a dhéigh. Chall uillirinn, etc. ’N uair a théid thu do’n mhunadh, bidh do ghunn’ air dheadh ghleus, Horo ho eileinich, etc. Bidh do mhial-choin air lothainn, cuid dhiubh romhad ’s a’ d’ dhèigh. Chall uillirinn, etc. ’N uair a thigeadh tu dhachaidh cha b’ e t-fhasan bhi breun. Horo ho eileinich, etc. Bhiodh do thigh an deadh uidheam, aig an nighinn b’ fheàrr beus, Chall uillirinn, etc. Bhiodh do sheòmraichean cadail, air an lasadh le céir. Horo ho eileinich, etc. Gur e mise bha uallach, gus an do bhuanaichd mi ’m bréid. Chall uillirinn, etc. ’N uair a bha mi ’n tùs m’ òige, aig Mac Leòid ris an spréidh, Horo ho eileinich, etc. Ach a mhic ’Ic Nèill, Bharra, gu ma fallain dhuit féin, Chall uillirinn, etc. Ach ma chaidh do bhàthadh, bu tu nàmhaid an fhéidh, Horo ho eileinich, etc. ’S a’ bhric air an linne, g’a shireadh le leus, Chall uillirinn, etc. Le morbha caol cumhan, ’s crann giubhais ’n a dhéigh, Horo ho eileinich, etc. Mìle marbhaisg air na fearaibh, gur a carach am beus, Chall uillirinn, etc. Bidh iad briathrach a’ tighinn, ’s rùn an crìdh’ aca féin. Horo ho eileinich, etc. [TD 512] RUN NAN ILEACH. Rinneadh an t-òran so le Niall MacNéill, air dha chluinntinn gu’n robh Iain F. Caimbeul, Ile, ri ’bhi aig Cuirm bhliadhnail nan Ileach ’s a’ bhliadhna, 1878. AIR FONN:—“A ho ro mo nighean donn.” Is ioma sian chaidh seach Beinn-Bhàin, Is ioma tonn air tràigh a sgàin, O’n dh’ fhàg thu, ach ar crì tha làn Le meud a’ ghràidh a th’ againn duit. SEISD.— Mìle fàilt’ do ’n uasal ghrinn O na h-Ilich cridheil cruinn! Fàilte dha bidh iad a’ seinn Air teuda binn gu fileanta. Cha ’n ioghnadh sinn bhi ort air tòir,— Fiùghran fòghluimt’, àluinn, còir,— Caoin mar anail na Beinn-Mhòir ’S an ògmhios ’n uair is tairisich’. ’S tu féin gun cheist an Gàidheal fìor A rinn cho ainmeil sgeòil ar tìr; ’S tu thog a’ Ghàidhlig suas gu dìor Is Goill a’ sìor chur ás dithe. ’S tu mac an athar fhialaidh, ghrinn, Nach fhaiceadh deòraidh bhochd an teinn; Nach d’ fhògair Ilich ás na glinn A bha troimh linntean fada annt’. Tha thu do theaghlach fhathail, àrd;— ’S gach ceàrn gheibh Caimbeul Ile fàilt’;— Do bhan-tigh’rnan na h-Il’ biodh slàint, ’S am bòich’ ’s gach àit’ air aideachadh. [TD 513] An coimeas riamh cha robh ’s a’ Ghréig; Iad bòidheach leis gach àgh nach tréig; Le nàdur glan mar ghnè na léig ’S nach fhaicear beud no faileasachd. Tha Ile bhochd gach là ri bròn, ’S i cuimhneachadh air àm a leòin ’S an d’fhàg sibh i, ’s nach ann d’a deòin Chaidh sibh air fògar fada uaith’. Ged tha i roinnte aig fir ùr, ’S leibhse a crìdh’, a h-ainm, ’s a cliù; ’S tha ioma nàistneach innt’ is fiù A ghleidheas dlù ’nan aigne sibh. ’DIREADH ’S A’ TEARNADH NAM BEALAICHEAN. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN NACH MAIREANN. AIR FONN:—“Fly, let us all to the bridal.” ’Direadh ’s a tèarnadh nam bealaichean, Hóro ’s aigeannach mi,— Ged rachadh an saoghal gu gearan Cha leig mise smal air mo chrìdh’. Ag imeachd gun solus, gun soillse, Fo dhubhar nan coilltean leam féin, Cha ’n fhaic mi le doirche na h-oidhche Ach dealan a’ sitheadh troimh ’n speur. Cluinnidh mi ’n fhairge ri borbhan, ’Co-fhreagairt ri torman nan dos, Cluinnidh mi braoilich nan aimhnean, ’Co-fhreagairt ri raoicich nan eas. [TD 514] ’N uair dh’ fhosglas dorus nan speuran ’S a bhoillsgeas an dealan o ’n iar Chi mi na neòil dhubha ’taomadh, A’s saoghal fo thaosgadh nan sian. Feuch a nis beithir na beucaich A’ srachdadh nan speuran le fuaim, ’S ann shaoil leam ’n uair chuala mi ’n riasladh Gu ’n tuiteadh an iarmailt a nuas. Ged is uamhasach dhomhsa ’bhi ’g imeachd, ’N am aonar gun ghealach, gun ghrian, Tha m’ aigne gun chùram, gun eagal, ’S mo chridhe gun teagamh, gun fhiamh. D’ é ’chuireadh fiamh orm ’s a’ chunnart— Nach ’eil mi ’an cuideachd mo Dhé? Le cridhe nach meataich fo àmhghar, ’S gun ghamhlas do neach ’tha fo ’n ghréin. Ach chi mi solus gun luasgan Aig ìochdar a’ chruachain ud thall, Dreòis na céir’ ann an uinneag, ’S e ’deàrrsadh mar rionnaig a th’ ann. O’n fhuair mi reul-iùil air an rathad, ’S mi cinnteach gu ’n d’ amais mi gleann, Théid mi le sunnd thar a’ chaislein, Ged tha mi car airsnealach, fann. Ruigidh mi dorus mo charaid, Gun chùram, gun fharral, gun sprochd; Bi’dh esan le ioghnadh a’ farraid, “D’ é chuir an rathad thu ’n nochd? “Ciod é ’chuir thu nall thar a’ chreachainn Gun uiread a’s breacan g’ a’ d’ dhìon? Gach dùil anns na speuran ’an aimhreit, ’S mòr m’ eagal gu’n d’ chaill thu do chiall.” [TD 515] Freagraidh mise le spraichd e, “Ciod é sin an fharraid ’tha ort? Thoir a nall fear a leasachadh cléibhe,— Cha’n fhaigh thu mo sgeul uam gun deoch.” ’Sunndach a théid mi do ’n leabaidh, ’S a gheibh mi mo chadal le suain; Moch-thrà ’n am éiridh ’s a’ mhaduinn Cha’n fhaic iad mo mhala fo ghruaim. MARBHRANN FORSAIR CHOIRE-AN-T-SITH. An raoir a bhruadair mi ’m chadal, Mi bhi ’m folach ’s an luachair, ’S a bhi cur mo làmh tharad, ’S ann a dh’fhairich mi bhuam thu, ’S a bhi cur, etc. Gu’n d’thug sur orm briosgadh; ’S mor is misde mo shnuadh e! Gu’n d’thug, etc. ’N uair nach d’fhuaras thu agam A lùb ghasda ’n robh suairceas. ’N uair nach, etc. B’ òg, finealta, deas thu— Bian glas air do ghualainn. B’ og, finealta, etc. ’S tric a chuir thu gu stòras, Is e còta ’n daimh ghruamaich, ’S tric a chuir, etc. Le gunna bheòil thana, Chuireadh sgainneart o luaidhe; Le gunna, etc. [TD 516] Nach do dhiùlt a riamh teine Ri eilid nam fuar-bheann; Nach do dhiùlt, etc. No ri damh a’ chinn chabraich, No ri lach a’ chinn uaine. No ri damh, etc. No ri fìr eun a’ chreachainn, (’S tu nach cleachdadh dhaibh suaimhneas!) No ri fìr eun, etc. No sionnach na sgàrnaich— ’S e nach teàrnadh o d’ luaidhe. No sionnach, etc. Lùb ùr thu Chloinn-Chaluim, ’S gu’m bu bharraicht measg sluaigh thu. Lùb ùr, etc. Gur Lochanach fìor, thu, ’S mor is miste ’m Frìth bhuait thu. Gur Lochanach, etc. Laidh gruaim air Mac-Cailein ’N uair a dh’fhairich e uaith thu. Laidh gruaim, etc. Gur e sud an sgeul deurach, Gun a cheum aig a’ bhuachaill’. Gur e sud, etc. Gur e sud an sgeul deacair, Gu’n do thaisg iad ’s Taobh Tuath thu. Gur e sud, etc. ’S ann an Cladh Chinn-a-ghiùthsaich A rùisg iad an uaigh dhuit. ’S ann an Cladh, etc. [TD 517] ’S truagh nach robh fir do dhùthcha Ga do ghiùlan air ghualainn. ’S truagh nach, etc. ’S nach robh i bean d’fhàrdaich ’S a’ ghàirich m’an cuairt duit. ’S nach robh, etc. DO LEANABH. LEIS AN LIGHICHE MACLACHAINN NACH MAIREANN. AIR FONN.—“Tog dhiot an cadal a’ chuilein ’s a rùin.” Dean cadalan sàmhach a chuilein mo rùin; Dean cadalan sàmhach a chagair ’s a rùin. Có dhiultadh ghràdh dhuit, ’S gur àillidh do ghnùis? Dean cadal a phàisdein Gu sàmhach, sèimh, ciùin,— Gu’n robh sonas a’s àgh leat Gu bràth anns gach cùis. Do shùil lìonta ghorm, mheallach ’S tlàth ’sheallas gach uair, Nis air dùnadh ’an cadal Fo d’ mhalaidh gun ghruaim; D’ aghaidh fhlaitheasach, shìobhalt’ A’s mìnealta snuadh, Gun àrdan, gun mhìrun, Air sìneadh ’an suain. Ge be ’sheallas gu faoilidh Air d’aogas gun smùr, Cha’n fhaic e ach caomhachd Gu naomhail ’ad ghnùis; [TD 518] Gur cùbhraidh’ leam d’anail N’ am barrach ’s a’ bhrùchd: ’S e neòinein do shamhladh Maduinn shamhraidh fo dhrùchd. Chuir am Freasdal gu bàigheil Gach àgh air do shnuadh: O! gu’n tugadh e ’d nàdur Co-fhàs leis ’am buaidh: Gu’m fàs thu gu banail Ciùin, ceanalta, suairc’,— ’Tabhairt aoibhneis do d’ mhàthair An déigh d’àrach a suas. O! guidheam, a leinibh, Dhuit ’an deireadh mo dhàin, Am Freasdal ’bhi ’d stiùireadh Le ’chùram gach là, Gus an tàmh thu gu sàbhailt’ ’An cala nan gràs, ’S do chàirdean ’g ad chòmhlach’ Le deòthas, a’s fàilt’. CAILIN DONN A’ CHUALAIN REIDH. SEISD.— A chailin duinn a’ chuailain réidh, Ha ho ró, mar tha mi ’d dhéigh, A ghruagach dhonn tha ris an spréigh, Bho ’n thréig thu mi tha mulad orm. Gur e mise tha gu cianail, H-uile latha fad na bliadhna, ’S mi ri cuimhneachadh do bhriathran, Gus an d’ liath am mulad mi. A chailin duinn, etc. [TD 519] ’S e rud an gaol nach faodar àicheadh, Tha e ceangailte ri nàdur; Faodaidh mise sin a ràdhtuinn, Shàruich e gu buileach mi. A chailin duinn, etc. A chailin duinn na ’m biodh tu deònach, A’s gu ’n deanadh tu mo phòsadh, B’ fheàrr leam thu air bheagan stòrais Na mòran le iomadh té. A chailin duinn, etc. O, gur math ’thig sin do m’ ghràdh-sa, Bròg dhubh, dhionach, bhileach, shàileach; Ribeanan a’s currachd àrd Air àilleagan nan cruinneagan. A chailin duinn, etc. Gur e mise tha gu brònach, Ann an so a’ deanamh òran, ’S eagal orm nach cuir mi ’n dòigh, Do bhòichead a’s do luraichead. A chailin duinn, etc. AN GAIDHEAL ’S A LEANNAN. LE UILLEAM MAC COINNICH, IONARNEIS. SEISD:— Théid i ’s gu’n téid i leam, Leam-sa gu’n téid mo leannan, Théid i ’s gu ’n téid i leam, Chionn ’s gu bheil gach gleann ’n a fhàsach, Théid mi fhéin ’s mo Mhàiri thairis. Théid i, etc. [TD 520] Théid i leam á tìr nam fraoch-bheann O’n tha daoin’ air dol á fasan. Théid i, etc. Seòlaidh sinn á tìr ’ar dùthchais, ’Cur ’ar cùl-thaobh ris na beannaibh. Théid i, etc. Théid i leam a null thar sàile, Far an dean an Gàidheal beairteas. Théid i, etc. ’S ged a bhiodh gach là ’n a shàmhradh, ’Chaoidh bidh tìr nam beann air m’ aire. Théid i, etc. A’s mu’n càirear anns an ùir sinn, ’S i mo dhùrachd tilleadh dhachaidh. Théid i, etc. Chum ’s gu’n tòrrar mise ’s m’ annsachd ’N tìr nan Beann nan Gleann ’s nan Gaisgeach. Théid i, etc. OCH, ’S MIS’ THA CIANAIL, FAILINNEACH. RINNEADH an t-òran so le GILLEASBUIG MAC NIMHEIN, a mhuinntir Chill-a’-Chomain a’n Ile, air dha fios fhaotainn gu ’n do chaochail Alasdair a bhràthair ann an Demerara. Tha ’n t-ùghdar aig an àm so ’n a mhaighstir-sgoil aig Scòrraig, an Siorramachd Rois. AIR FONN.—“Màiri bhàn Dhail-an-eas.” Och! ’s mis’ tha cianail, fàilinneach, ’N gleann fàsaich, fad air chùil, ’S mi ri caoidh nam bràithrean, Na h-àilleagain gheal, ùr, Tha fear a’s fear gu m’ fhàgail dhiubh, ’S mo chridhe cràiteach, brùit’, [TD 521] A’s eagal trom ga m’ shàrachadh, Gu bràth nach fhaic mi ’n gnùis. Tha còr a’s fichead bliadhna O’n rinn fear dhiubh triall thar cuan; Cha robh an Earraghàidheal Mac màthar a b’ àillidh snuadh. Bha cliù aig a luchd-eòlais air, ’S bu bhrònach a bha ’n sluagh, ’N uair thug e chùl ri Còrsabal Bha deòir air ioma gruaidh. Bu ghealltanach an t-òganach, ’S bu mhòr a thuigs’ ’s a chiall, Bu dleasdanach r’a mhàthair e, ’S ri chàirdean gràdhach, fial. Ard reusan ’s buaidhean urramach, Air bhuileachadh le Dia, ’S cha ’d fholaich e fo ’n talamh iad, Chuir dhachaidh iad le riagh. O, thug an long ud Alasdair Gu calladh fada bh’ uainn, Far an cinn an siùcar ’S luibh chùbhraidh air gach cluain; Och! mheall sud ioma Gàidheal, Mirage ’s an fhàsach chruaidh, An sannd ga ’n greas’ gu bàsachadh, ’S a phlàigh ga ’n slugadh suas Bha sinn an dùil gu ’m b’ mhaireann thu, ’S tu ’d chadal anns an uaigh, ’S gu ’m faicamaid tighinn dhachaidh thu, Le aighear a’s le buaidh; ’S ann thug an saoghal car ásainn; Tha Alasdair ’n a shuain A’n cadal trom na h-ùrach, ’S cha dùisg e gu là-luain. [TD 522] Cha b’ ioghnadh crìdh’ do mhàthar Bhi sgàineadh le geur-chràdh, ’S gu tric ga lot ás ùr e, ’S i tùrsach ’dh ’oidhch’ ’s a là; ’S a h-anam ’g ràdh le dùrachd, Co, ’rùin, bha dlùth mu d’ bhàs? Co ’n làmh a thog a’ chùrtein, ’S a dhùin an t-sùil bha blàth? Mo chreach, ’s nach fhàic sinn tuillidh thu, Gus ’n cruinnichear am Bràth, Gus ’n téid an tromb a shéideadh, Le aingeal treun gu h-àrd; ’S ’n uair théid na mairbh a dhùsgadh, ’S e m’ ùrnuigh ris an Triath, Gu ’m bi sinn uil’ do ’n chòisridh, A sheinneas glòir do Dhia. ORAN AN AMADAIN BHOIDHEICH. THA cuid ag ràdh gur e Dòmhnull Donn Mac fear Bhoshuntain, a rinn an t-òran so. Tha cuid, mar an ceudna, ag ràdh gu ’n d’rinneadh e le mac tuathanaich, do mhaighdean àluinn a bha ’n a banaraich aig athair. A réir coltais bha spéis mhòr aige do ’n nighein, agus ’n uair mhothaich a mhàthair dha so, cha robh i idir toilichte. Air feasgar àraidh chunnaic an t-seana-bhean gu ’n deach a’ bhanarach g’a failceadh; agus air d’ a mac tighinn dachaidh dh’ innis i dha gu ’m fac i tunnag àluinn air an amhuinn. Gun tuillidh a ràdh, ghlac an gille a ghunna, ’s thàr e ás. Tha ’n t-òran ag inns’ mar thachair. Tha ainm an òrain a’ cur an céill gu ’n deach e ás a riaghailt ’n uair chunnaic e gu ’n mhàrbh e’leannan. A Mhairearad òg, ’s tu rinn mo leòn, Gur cailin bhòidheach lurach thu, Gur guirm’ do shùil na maduinn driùchd An dearc air chùl nan duilleagan. Gur guirm’ do shùil na maduinn driùchd An dearc air chùl nan duilleagan; [TD 523] Gur gil’ thu, ’ghràidh, na ’n sneachda bàn, A’ cur air àird na monaidhean. Gur gil thu, etc. Ochòn, a Righ, mo nighean donn, Nach robh mi thall am Muille leat. Ochòn, a Righ, etc. Gu’m marbhainn iasg a’s sithionn fhiadh, ’S cha bhiodh a’ chiall, oirnn uireasbhuidh. Gu ’m marbhainn, etc. ’S gu ’m marbhainn coileach-dubh air geug, Mu ’m biodh ’n a éiteadh ioma fear. ’S gu ’m marbhainn, etc. ’S an earbag bheag á bun a’ phris, Ged ’s clis a chì ’s a chluinneas i. ’S an earbag bheag, etc. Och, ’s i mo mhàthair rinn an call ’N uair chuir i shealg na tunnaig mi! Och, ’s i mo mhàthair, etc. ’S ’n uair a ràin’ mi ’n linne chaoil, ’S ann bha mo ghaol a’ sruthladh innt’. ’S ’n uair a ràin, etc. ’S e ’n gunna caol a rinn mo leòn, Cha téid e òirleach tuillidh leam. ’S e ’n gunna caol, etc. ’S a thé rinn dhòmh-sa léine chaoil, Cha dean thu, ’ghaoil, gin tuille dhomh. ’N té rinn dòmh-sa, etc. Ged théid mi suas do ’n bhail ud shuas Cha bhi mo chuairt ach diomain ann. Ged théid mi suas, etc. Air leabaidh làir cha’n fhaigh mi tàmh, ’S air leabaidh àrd cha chuir iad mi. [TD 524] Air leabaidh làir, etc. Mi ’n diugh ’san dé air cnoc leam fhéin A’ sileadh dheur ’s mi turaman. Mi ’n diugh ’san dé, etc. O Rìgh nan dùl cum rium mo chiall Cha robh mi riamh ’s a’ chunnart so. O Rìgh nan dùl, etc. ’Sa Mhairearad òg ’s tu rinn mo leòn ’S tu dh’fhàg fo bhròn ’s fo mhulad mi. GLEANN-DA-RUADHAIL A’ BHARRAICH. AIR do ’n deise Ghàidhealaich aig Uilleam Mac-Dhun-léibhe, (am bàrd Ileach) a bhi fàs lom, chuir nighean òg, agus buidhean de dhaoin’-uaisle a mhuinntir Chòmhail an comhairle r’a chéile agus dh’ aontaich iad deise ùr Gàidhealach a thoirt do ’n bhàrd. Ann an éirig an deise, fhuair iad an t-òran a leanas o’n bhàrd. Cha robh e riamh roimhe an clò. SEISD.— Gleann-da-ruadhail a’ bharraich, Gleann an darraich ’s an fhraoich, Gleann a’ choilich ’s a’ bhradain, Gleann an rainich ’s nan craobh, Gleann nan doireachan uaine, Gleann nam fuaran nach traoigh, Tha lusan slàint’ air do chluaintean; Beannachd buan a’d dhà thaobh. A Chòmhail chorraich nan garbh shlios, Aig còrsan ainmeil nan seòl, Far am faicear an ràmhachd, ’S muir thar àirde nam bòrd; Bu tric a chóisich mi ’n t-astar Air aonach fàsach nam bò, ’Tha eadar lùban Ard-ghartan A’s suidh Artuir Ghlinn-crò. [TD 525] Ach dh’ fhalbh na bliadhnachan thairis, ’S gun ach faileas ann diùbh, Cha ’n fhaicear sealgair air bearradh, ’S an cròcach maiseach roimh ’n chù; Aig Cluaidh fhuaraidh na reòta. A chuir fo leòn mi ’s a’ chùil, Gus an d’ thàinig na Còmh’laich, Le sunnd na h-òige ’s e ùr. Thàinig maighdean a’ Ghlinne, Bho Ruadhail linneach nam bruach, Fhuair mi fàilte na h-òighe, Le duais a dh’ fhògair mo ghruaim, Culaidh chathach nan Gàidheal Réidh, gun dàil a cuir suas, ’S rinn mi siùd mar a b’ àbhaist Gun chuimhn’ air fàillinn no fuachd. Tha geal ’s dubh air do bhòidhche, Le sunnd na h-òig’ ort gun bheud, A’s sèimheachd maise do nàduir A’ buan fhàs leat da réir, Eiridh tomhas ás ùr dheth, Gach bliadhn’ a chrùnas do bheus, A’s ruigidh beannachd o ’n bhàrd thu, Gus an teirig Gàidhlig ’n a bheul. Bha Mac-Dubh ann o ’n Ghàraidh, ’S cha ghràin anmoch a phòr, A dh’ fhàs o fhreumhach Chloinn-Laomain, A ghleidh sibh daonnan ’n ar còir, Dhion sibh Oighre na h-Airde, Gun taing a’n àrfhaich nan spòl, Bha mùgaich Shasuinn ga ’n ruagadh, ’S bu bheag a fhuaradh dhiubh beò. [TD 526] Bha Mac-’Ille-bhàin* Choir-an-t-sìth ann, ’S cha toir di-chuimhn’ e uainn, Far an cruinich na bràithrean, Gheibh e fàilte mu ’n cuairt, Tha ’n t-àrdan cròcach ’n a bhrataich, A’s tréine neart air a’ chruaich, Am bogha ruighinn g’a lùbadh, ’S earb ri stuic aig a luaths’. Mac-Gill’-ios’ am fear bòidheach, Le ainm sònruichte buan, Cha chuir ùin’ o bhi òg e, ’S cha toir fòirneart e uait, Cha ’n fholaich linntean gun cheann e, ’S cha bhi e fann ach a’ fàs, A’ sior sgaoileadh gun mhùthadh, Maireann ùr mar a tha. Thig a Dhùgh’laich ’s bi t-àite, ’S do dheoch-slàint’ air ceann bùird, ’S e t-fhear brataich is bàrd dhuit, Cha ’n ’eil ni ’s feàrr leis na thu; Tha ’n ceangal aosda so làidir, A tha ga ’r tàladh gu dlùth, ’S leanaidh sinne mar chàch dhiubh, Air an àbhaist ga ’r cùl. ’S BEAG IS MO LEAM-SA CIOD A THEIR IAD. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN NACH MAIREANN. AIR FONN.—“The Rock and the wee puckle tow.” Tha triallairean Albainn ri aimhreit an dràsd’, Ach ’s beag is mò leam-sa ciod a their iad; * An t-uasal Donnachadh Mac-’Ille-bhàin, Ceann-suidhe “Comunn Gàidhealach Ghlaschu.” [TD 527] A siùbhal gach dùthcha, ’g an dùsgadh gu fearg,— Ach ’s beag is mò leam-sa ciod a their iad: Fadadh-cruaidh air an gruaidh suas anns na crannagan, Sùil chlaon air gach taobh ’glaodhaich gu faramach, Mur aontaich sibh leinne bi’dh sibh sgrioste gun dàil; Ach ’s beag is mò leam-sa ciod a their iad. Aig an Athair tha brath air an aidmheil a’s feàrr, Ged is beag is mò leam-sa ciod a their iad; Có ’n t-aon a tha ceart, no có e ’tha ceàrr,— Ged ’s beag is mò leam-sa, ciod a their iad: ’S ann their luchd aidmheil ri ’chéile, “Cha’n ’eil stéidh ann a’d’ theagasg,— Tha sgriobtur ’s a’ Bhìobull, ag ìnnseadh gun teagamh, Gur mise ’tha ceart, agus thusa ’tha ceàrr;” Ach ’s beag is mò leam-sa ciod a their iad. ’S e m’ athchuing ’s a’ mhaduinn air Athair nan gràs,— Ged ’s beag is mò leam-sa ciod a their iad,— E chumail mo chridhe gun smal air gu bràth, Ged ’s beag is mò leam-sa ciod a their iad,— Le seirc a’s truas, iochd do ’n t-sluagh, ’s a bhi gun uaill spioradail, Dùilean breòit’ a tha fo leòn fheòraich ’an trioblaid, Ged theireadh gach fear dhiubh gu’n robh mi gun ghràs, Gur beag is mò leam-sa ciod a their iad. Archd. Sinclair, “Celtic Press,” Waterloo Street, Glasgow.