[TD 1] [Vol. 11. No. 1. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 11, 1902. No. 1. Suiridhe a’ Mhadaidh-ruaidh; NO ’SI ’N ONOIR A BHEIR BUAIDH. SGEULACHD A REIR NOS NAN SEANN SGEULACHDAN GAIDHEALACH. (Air a leantuinn.) FAICEAMAID a nis ciod a rinn a’ bheithir-sgiathach; cha do leig i air di-chuimhn seirbhis mhath a’ choin, agus smaointich i nach bu mhisd e cuideachadh an aghaidh caran an t-sionnaich. Sgaoil i a sgiathan ’s a thiota bha i aig a’ bhaile san robh ’n t-suiridhe dol air a h-aghaidh, agus ghabh i còmhnuidh ann an uaimh a bha mu choinneamh tigh a’ chait. ’S iad na beathraichean-sgiathach na beathaichean a’s seòlta ’s a’s beartaiche sam bith, agus mar so tha mór mheas aig na beathaichean eile orra, ged tha iad cho grànnda. Rinn tighinn na beithir-sgiathaich, ma ta, fuaim mhór air feadh a’ bhaile. ’S gann a bha i gu math air suidhe na ’tigh ùdlaidh dorcha ’nuair bha pioghaid luath na gleadhraich aig an dorus, a dh’ fheuchainn ciod a chluinneadh i. “Ciod an naigheachd tha agad dhomh?” ars’ a bheithir-sgiathach. “Cha ’n ’eil a bheag do naigheachd san àite so, le ’r cead,” thuirt ise, “ach mu dheidhinn na ban-oighre riomhach so, an cat, a tha ’tionndadh ceann na h-uile fir, ach tha i dol a phòsadh an t-sionnaich mu’n tig ceann seachduin.” “Ise na ’ban-oighre!” thuirt a’ bheithir; “nam biodh fios agad air na bheil de dh-òr aig mo nighinn-sa, cha ’n abradh tu gu ’n robh aon beairteach ach i féin.” “’Bheil teaghlach agaibh ma ta?” dh’fheòraich a’ phioghaid. “Cha ’n ’eil agam ach aon nighean, agus tha do stòras air fhàgail aice le bràthair dhi a bha ’sna h-Innsean, gun tighinn air na th’ agam féin, nach ’eil fhios aice ciod a ni i ris, agus tha i ga ’m shàrachadh le leannain agus suiridhichean a tha ’tighinn ga ’h-iarraidh.” “Ma phòsas i gun ’ur ceadsa am faigh i an t-airgìod?” thuirt a’ phioghaid. “Gheibh a h-uile sgillinn,” thuirt a bheithir-sgiathach, “’s ann aice féin a dh’ fhàgadh e; ach feuch nach bi thusa ’g innseadh so air feadh a’ bhaile, oir cha ’n ’eil toil agam dragh a bhi ga ’chur orm.” “’N e mise?” ars’ a phioghaid, “cha ’n ann diubh sin mi! cha chan mi facal gu bràth m’a dheidhinn.” Moch air an là-màireach ràinig a’ phioghaid tigh a’ chait, agus dh’ innis i na h-uile diog mu ’n bheithir-sgiathaich ’s a nighean bheairteach. Chuala ’n sionnach, ’s ged nach do ghabh e a bheag air, chuir e roimhe, na ’m faodadh e, gu ’n deanadh e greim air an tochar mhór a bha ’n so, ’s gu ’n leigeadh e leis a’ chat a bhi sealltainn airson leannan eile. Nuair thainig am feasgar chuir e roimhe dol a chur eòlais air nighean na beithir-sgiathaich; ach ciamar a gheibheadh e da ’h-ionnsuidh? Bha ’n cù air an rathad, agus bha fios aige nach b’e ’n sùgradh dol na ’dhàil. Dé th’ agad air, cha robh sionnach riamh gun char, agus so an dòigh a ghabh e chum an cù chur as an rathad. Bha peasan beag de choinean a stigh, a bha ro chuideil mór as féin, agus thuirt an sionnach ris gu ’n robh an trusdar coin ga ’chàineadh ’s a’ fochaid air, ’s gum bu chòir dha dol a’s gabhail air. “’N e mise?” thuirt an coinean, “mharbhadh e mi.” “Na biodh eagal air bith ort,” thuirt an sionnach, “cha ’n ’eil ann ach an gealtaire mór, teichidh e air a’ cheud ionnsuidh a bheir thu air, agus cuidichidh mi féin leat ma ’s éiginn. Abair thusa ris do choinneachadh ’sa choillidh ud shuas fo cheann uair, ’s gu ’n toir thu dhà e airson a dhroch theangaidh. Bidh mi féin dlùth do làimh, agus cha ’n fhaic mi beud ort.” Dh’ fhalbh an garrach leibideach ’s thug e dùlan, sùil mu ’n t-sròin, do ’n chù. Ghabh an cù ioghnadh nach bu bheag, ach thuirt e o’n bha uiread fheum aig a’ chreutair air modh a theagasg dha, gu ’n coinnicheadh e e mar a dh’ iarr e, ’s gu ’n tugadh e fàsgadh dha a chuireadh beagan do ’n chuidealas agus do ’n pheasanachd as a choluinn leibidich. Chaidh an cù thun an àite mar a gheall, ach ’nuair a chunnaic an coinean bochd nach d’ thàinig an sionnach air aghaidh, ghrad dh’ fhàilnich a chridhe, ’s theich e stigh do tholl far nach ruigeadh cù no gadhar air. Cha robh aig a’ chù ach tilleadh air ais gu h-aimhealach, cianail, a’ bòideachadh an tuilleadh dioghaltais an aghaidh an t-sionnaich, oir thuig e gu math gum b’ iad a chuireidean-san a bha air am feuchainn ris a rithist. Cha luaithe bha an cù as an rathad na thog an sionnach air a dh’ fhaicinn na beithir-sgiathaich. Nuair chaidh e stigh do’n uaimh bha leth-cheud do thòrran òir agus airgid air gach taobh, agus cha’n fhac e riamh a leithid. Chuir e mìle fàilte ’s furan air a’ bhan-oighre, a bha ann an àit iomallach do ’n uaimh, far nach b’ urrainn e faighinn dlùth dhi, agus mhol e i mar nach biodh a leithid air an t-saoghal. “O! nam b’ urrainn duit m’ fhuasgladh as an àite so, mo thoirt air falbh o’n bhodach m’ athair a tha cho dona dhomh, ’s mi bhiodh ann ad chomain, ’s bu leat mi féin ’s na bheil an sin do stòras,” thuirt ise. “’S mi bhiodh toileach, a rìbhinn mo chridhe!” thuirt an sionnach, “ach ciamar is urrainn domh a dheanamh?” “Cha ’n ’eil ach aon dòigh air,” thuirt ise, “’s e sin m’ athair a chur na ’chadal trom, ’s ’nuair bhios e na ’shuain teicheadh; ’s cha ’n ’eil ni a chuireas na ’chadal ceart e ach eanaraich air a deanamh do fheòil cait òig reamhair; feuch thusa ’m faigh thu sin, agus leig a’ chùis leamsa na ’dhéigh sin.” “An dean cat an tigh ud thall an gnothuch?” thuirt esan. “Cha ’n iarrainn na b’ fhearr,” ars’ ise. “Ro mhath, ma ta. Mu fheasgar am màireach cuiridh mise d’ ar n-ionnsuidh i, ’s feuch an toir sibh làn meadair mhaith do’n bhodach a bheir air srann a tharruing,” ars’ esan. “Na biodh cùram ort,” ars’ ise, “na fàilnich thusa air do thaobh féin.” “An latha chì ’s nach fhaic!” ars’ an sionnach, “slàn leibh, a mhaighdeann àluinn! ’s bliadhna leam gus am faic mi a rithist sibh.” Chaidh an cealgair so do thigh a’ chait ro-thoilichte le ’thapachd féin, ’s a’ smaointeachadh nach biodh sionnach san dùthaich cho beairteach ris féin, agus dh’ innis e sgleò mor do ’n chat, ag ràdh nach robh nighean idir aice, ach gu ’n robh i féin cho caoimhneil, fhialaidh, shuairce; gu ’n robh i ri cuirm mhór, rìomheach, aighearach, ghreadhnach a thoirt seachad an ath-oidhche, ’s gu ’n robh ise ri bhi air tùs agus air toiseach nan aoidhean. “An teid thu ann, a rùin?” ars’ esan. “’S mi théid,” thuirt ise, “’s cha ’n anns mi féin ga ’ràdhainn, cha ’n ’eil mi ’n dùil gum bi aona chàraid ann a’s sgiolta, ’s a’s eireachdala na thu féin ’s mi fhéin, a laoigh mo chridhe!” Thàinig am feasgar; bha ’n cat gun amhrus air bith air na bha ’feitheamh oirre; agus ged nach robh coguis an t-sionnaich ro-shàmhach, cha do ghabh e a bheag air; bha e a’ smaointeachadh gu ’m b’ fhiach beairteas nighean na beathrach-sgiathaich aon dad a b’ urrainn da a dheanamh air a son. Bha ’n dithis a brath falbh cuideachad a dh’ ionnsuidh na cuirme ma b’ fhior, ach ’nuair chunnaic an sionnach an cù san t-sean àite, ghabh e a leisgeul, ag ràdhainn nach robh toil aige caonnag no aimhreit a dheanamh na ’làthair-sa, ach ise dh’ fhalbh air thoiseach ’s ann an ùine ghoirid gu ’n tugadh esan a dheagh ghiullachd do ’n bhéisd choin, ’s an sin gu ’n leanadh e i. “Thoir an aire ort féin, a ghràidh,” ars’ ise. “Och, na biodh cùram ort, eudail ’s a ghràidh,” ars’ esan, “cha ’n fhada sheasas e riumsa.” Dh’ fhalbh an cat ma ta, ach an àite faighinn a stigh do ’n uaimh air dorus ìosal, ’s ann a bha i air a togail suas ann an croidhleig bhig gu uinneig a bha gu h-àrd ann an aodann na craige—ach cha do chan i guth na aghaidh, agus ann an sin fàgaidh sinn i ’n dràsd. (Ri leantuinn.) Tha atharrachadh mor eadar an da bheannachd aimsireil sin, Slàinte agus Saibhreas. Is e Saibhreas is mò air am bheil muinntir an tòir, ach is lugh’ a shealbhaichear leò. Is minic a shealbhaichear Slàinte, ged is beag am meas a tha aig moran oirre. Tha e soilleir gu ’m bheil Slàinte a’ toirt barrachd air Saibhreas, an uair a smuainichear nach dealaicheadh an duine is bochda tha idir ann r’a shlàinte fein air son airgid, ach gu’n dealaicheadh an duine saibhir ri ’airgiod féin air son slàinte. Is duilich an nàire ’thoirt as an àit’ anns nach bì i. [TD 2] [Vol. 11. No. 1. p. 2] Iain Mor nan Ord. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. VIII. MAR IS DUAL DO THACHARAN A BHITH NA ’GHAISGEACH NA ’SHUILEAN FHEIN—DOIGH GHAIDHEALACH AIR EACH A THOIRT A BOGADH. CHAIDH am fàilteachadh ann an cainnt chruaidh nan Deasach. “Ann an ainm an àigh,” ars’ an ìomhaidh a dh’ éirich as an fhraoch, “an innis sibh dhomh, fhearaibh, c’àit’ a bheil mi? ’S mor m’ ioghnadh gu bheil mi idir beò, ’s nach do dh’ ith mi ach mu phunnd bidh o fheasgar an dé, ’s tha mo theanga air tiormachadh leis a phathadh!” “Ma ta, a dhuine chòir,” ars’ Iain Mór, “’s deacair dhutsa pathadh a bhith ort, is uisge fallain, cùbhraidh a tàmh ’sa gluasad air gach taobh dhiot, agus ma dh’ ith thusa punnd bidh o fheasgar an dé cha ’n ’eil moran truais agamsa riut, oir ’s iomadh teaghlach truagh air feadh nam beann so nach do dh’ ith uiread o chionn seachdain.” “Ach, a dhuine, ’dhuine,” ars’ an Sasunnach, “ciamar a dh’ òlainn-sa, ’s gun ghlaine, gun chup’ agam, na ni sam bith a thogadh uisge?”— “Cha robh,” ars’ Iain, “na seirbhiseach a shìneadh dhut e! Tha mi duilich, duilich air do shon, a dhuin’-uasail, ach ’n do smaointich thu riamh air do dha chròig, no air an aide sin mu d’ cheann, air son uisge ’thogail. ’S iomadh fear a chaisg ìotadh le seòrsa bu mhiosa.” Mu ’n robh Iain ullamh dhe na briathran, leum an Sasunnach thun an uisge ’s thog e làn na h-aide ’s chuir e air a cheann e, ’s Eachunn an impis tachdadh a gàireachdaich, ’s chual’ e Iain ag ràdh rudeiginn mu chù is marag ma ’amhaich. “Tha mi,” ars’ an Sasunnach, “ga m’ earbsa fhìn ribh, fhearaibh, ’s ma chuireas sibh mi air an rathad cheart gu caisteal Shrath Ghlinn bidh mi fada na ’r comain.” Bha ’n Sasunnach na ’shealladh ait ’san àm, oir air feadh nan dris ’s nam preas ’s an fhraoch, cha robh do thrusgan uime, faodaidh mi a ràdh, ach an ad’ is fhiach ainmeachadh, agus a thaobh ’s gun do thaghail e iomadh poll bog monadh, cha robh e furasda dheanamh a mach dé ’n dath a bh’ air a chuid rìomhaidh ’n uair a chuir e suas e. “’S mise,” ars’ an dealbh so, “Coirneal Eanruic—no co dhiubh bidh mi na m’ choirneal air an ath sheachdain.” Thainig gleann an druim a choirneal agus beinn air uchd le prois, air dha so a ràdh. “Fhuair mi,” ars’ esan, “brath an latha roimhe gu ’n robh an reubalach ainmeil Iain Mòr nan Ord anns an nàbachd, agus le buidheann thaghta ghluais mi o’n ghearasdan airson a ghlacadh an dé. Suas gu feasgar chunnaic mi-fhìn ’s mi air deireadh na cuideachd coltas duine mhoir eadar mi ’s faire. Rinn mi suas m’ inntinn gur e Iain Mòr a bh’ ann, agus smaointich mi gu ’n coisninn cliù mor dhomh fhìn na ’n deanainn prìosanach dheth na m’ aonar le m’ dheas laimh ’s le m’ chlaidheamh sgaiteach fhein, agus a bhàrr air sin bha each luath agam. Fhuair mi air falbh o chàch gun fhios, is liùg mi gu fàillidh suas feadh stuchd is bhearraidhean uamhasach, ’s an deigh mo shaoithreach cha d’ fhuair mi ach boc-gaibhre air creig an àit Iain Mhòir. Thainig mi bhar muin an each gus m’ anail a leigeil, ’s gu amharc mu ’n cuairt. Cha do ghluais am boc, ’s an uair a fhuair a bhrùid mo chulaobh ris thàinig e ugam le roid, ’s chaidh mi sios car mu char ris a bhearradh, ’s tha mi o’n uair sin air ceud bearradh a dhìreadh ag iarraidh am bearradh air na dh’ fhag mi an t-each, ’s cha do dh’ amais mi fhathast air ’s an duthaich uamhasach.” “Chuala mi,” ars’ Iain, ’s e caogadh ri Eachunn, “gun gabhadh e fior cheatharnach air son prìosanach a dheanamh air Iain Mòr nan Ord. Feumaidh gu bheil sibhse na ’s treine na shaoileadh neach air a cheud shealladh.” “Tha thu ceart,” ars’ an Sasunnach, “ma gheibh mo laimh-sa aon uair greim air colair Iain Mhòir, bidh leaba chumhang aige mu ’n dealaich mi ris!” Thainig fiamh gàire air Iain Mòr ’s e air beachd a ghabhail air lamh chaol, sporach an t-Sasunnaich, ach cha dubhairt e guth. O’n a dh’ earb an Deasach e-fhein riutha, bha e sàbhailte gus am faigheadh iad bhar an lamhan e. Cha robh fios aca aig an àm gur ann aige bha Màili, no gu ’m b’ iad a chuid dhaoine ’ghlac i; cha robh fios acasan ach gu ’m bu Shasunnaich agus naimhdean a chuideachd a ghlac i. Mar bu dlùithe bha ’n Coirneal a tighinn ris a ghearasdan ’s ann a b’ àirde bha mhisneach ag éiridh. Cha robh pian nach robh e dol a chur Iain Mhòr troimhe nuair a ghlacadh e e. Dh’ innis Iain dha gu ’m buineadh e-fhein ’sa chompanach do chuideachd Earraghàidheal, agus gur ann ag amharc airson Iain Mhòir nan Ord a bha iad fhéin. “Tha thu fhein fuasach mor,” ars’ an Caiptean, ’s e toirt sùil amhrusach air Iain. “Tut,” ars’ Iain, “an t-eilein ’san d’ rugadh mise cha robh duin’ ann cho beag rium; ’se sin a chur as mi, a bhith na m’ fheannaig chorr ann. Is neònach leam nach cual’ thu mu Eilean-nam-fear-mòra!” Bha iad a smaointean gur e ’m fortan fhein a chuir an Sasunnach nan rathad, air son forofhais a dheanamh mu ’n chuspair a laimh, agus b’ ann mar sin le toileachadh mòr a chual’ iad an Caiptean ag radh ’san dealachadh: “Tha dùil agam cluich agus spors gu leòr a bhith againne aig Caisteal an Tuilm Uaine Diordaoin ’sa tighinn. Tha mo charaid, an Seanalair Fits-Eòin, gu bhith làthair, agus ’s ann air a shòn a bhios gach ni. Tha fior dhéigh aige air gach seorsa cluich, is euchdan neart fhaicinn. Tha e-fhéin ainmeil air gach seorsa, ged a tha e an inbhe àrd, ’s gu h-àraid tha e ainmeil air caitheamh an ùird-mhòir. Mar sin, ma thogras sibh, ruigibh aig an àm, tha mise a toirt làn chuireadh dhuibh, mar dhuais airson na seirbhis a rinn sibh dhomh. Agus,” ars’ an Caiptean, “’s e ga ’tharuinn fhein suas, air chor ’s gu ’n robh barrachd ri fhaicinn dheth ’phearsa na bha e ’n dùil, “theid mi fhin an urras gu ’m faic sibh euchdan Sasunnach a chuireas ioghnadh oirbh. Tha dùil agam fhéin,” ars’ an gaisgeach ann an cagar ’se tarruinn dlùth, “feuchainn air a chruith-leum an là ud, agus theid mi an urras gu ’m fosgail mo chàirdean an sùilean; oir, eadrainn fhein, tha mi o chionn cho’-la-deug a toirt greis a h-uile oidhche air leum na m’ sheòmar diomhair; agus,” ars esan, ’s e uile lasadh le aoibhneas, “chaidh agam air còig troidhean is còig òirlich is ochdamh a leum, agus mu ’n dig an latha mor tha dùil agam leth òirleach eile ’chur ris! Ach,” ars’ esan, ’s e cur a laimhe air a chùlaobh, ’s neul dubh a brùchdadh tromh na bha pholl air a ghnùis, “tha eagal orm gun do chur a ghabhar o fheum mi!” Thug na fir taing dha, is thuirt iad gu ’m biodh iad gle thoilichte ’bhi làthair aig na cluichean. “Agus,” ars’ Eachunn, “ma dh’ fhaodte gu ’m feuch mi-fhìn a chruith-leum cuideachd, ged nach do chleachd mi i o chionn greis mhath, mur a digeadh poll monadh na féithe na m’ rathad. Agus a thaobh mo charaid an so, is dòcha gu ’m feuch e-fhéin a laimh air caitheamh an uirdmhóir.” Bha na fir a bruidhinn mar so nan seasamh am fradharc Caisteal Shrath Ghlinn, ’s iad a nis a dol a dhealachadh, o’n a fhuaireadh Caiptean Eanruic an àit’ am faodadh stiùir a chur na ’laimh air son a cheann-uidhe ’thoirt a mach. Ach an uair a bha iad a tionndadh air falbh chualas plubraich dlùth dhaibh, agus osna throm ga ’tarruinn. Ruith iad gu cùl a chnoic, ’s an Caiptean air chrith nan déigh, a dh’ fhaicinn dé bh’ ann, ’s fhuair iad ann an sin am bogadh ann am féithe air a chuartachadh le feur milis, gorm, each rìomhach diollaid. “O, mo Bhari bochd, mo Bhari bochd!” ars’ an Caiptean an uair a thainig e dlùth, “tha eagal orm gu ’n téid e á sealladh buileach glan, mu ’m faigh mi daoine is eich is buill gus a shàbhaladh. Bheirinn gu toilichte deich gini seachad ach e bhith agam sàbhailte air an réidhlein. Ma chailleas mise Bari cha ruig mi leas smaointean air Iain Mòr nan Ord a ghlacadh.” “Ma ta,” ars’ Iain, “bu mhor am beud sin a thachairt. Tha làn àm breith air Iain Mòr, agus ni mise na ’s urrainn mi gus do chuideachadh. Le so a ràdh chaith Iain Mòr nan Ord cirban a bhreacan thar a ghuaillean, agus fhuair e da lic mhor a bha dlùth ’s chuir e iad taobh ri taobh lamh ris an each. Sin seachad leum Iain thun na leacan, is thòisich e ri leum orra ga ’n daingneachadh, gus an d’ fhuair e iad a réir a mhiann. Bha ’n Caiptean ’sa bheul fosgailte mar-ri shùilean ag amharc air na bha an Gàidheal a deanamh. Ach theab iad leum as a cheann buileach glan air dha Iain fhaicinn a cromadh ’sa breith air an diollaid, agus thug e tarruinn mhath oirre uair no dha a chur deuchainn air a neart. Chruinnich e ’n sin e-fhéin’s a cur a neart uamhasach an géill chaith e ’n t-each Sasunnach air an raon air beulaobh a mhaighstir. “Tha cudrom laghach ann,” ars’ Iain ’s e suathadh a lamh le dornan feòir, “ach cha chreid mi nach seall e c’àit’ an teid e dh’ ionaltradh na dheigh so.—Cha ghabh, cha ghabh, cùm na d’ phòc e”—’s an Caiptean gu leith eigionnach air a sporan o thoirt a’ measg nan luideag air son na deich gini a phaigheadh,—“cha ghabh,” ars’ Iain, “rinn mise sid airson an eich bhochd fhein ’s cha b’ ann airson duais sam bith.” “Sid,” ars’ Eachunn, “mar a bhios iad an Eilean-na-fear-mòra a breith air na muca-mara ’s ga ’n caitheamh gu tìr.” Ghleidh an Caiptean a sporan gu toilichte, ach bha ’shùil gun bhriobadh ag amharc le car de dh’ fhiamh air a Ghàidheal. “Tha eagal orm,” ars’ esan mu dheireadh, “nach bi mise gu bràth cho làidir riut; ach cha ’n ’eil mi ach óg fhathast—naoi-deug-air-fhichead is aona-mios-deug, sin m’ aois gun là air na dheth!” “Nis,” ars’ Eachunn, “o’n tha ’n t-each agaibh gu sabhàilte, nach fhearr dhuibh sibh fhéin a nigheadh, gus gu ’m bi sibh na ’s comhfhurtaile ga ’mharcachd agus na ’s coltaiche ri saighdear a ruighinn a chaisteal. Rinn Caiptean Eanruic sin. Nigh e ’aodann a toirt ris athailtean na lotan a rinn Màili gu soilleir. “Cha chreid mi-fhéin,” ars’ Iain Mòr, “nach d’ fhuair thu do chioramachadh gu goirt an àr fuilteach o chionn ghoirid.” “O, na sgrobagan so air m’ aodann!” ars’ an Caiptean, “cha b’ ann air achadh onarach a thachair dhomh ’m faighinn idir, ach o chat-fiadhaich Gaidhealach a ghlac mi; ach tha na h-ìnnean aice fo ghlais a nis ’s air an deagh bhearradh.” Bha neul dorcha air mala an t-Sasunnaich ag ràdh so, agus leum e, ’san fhearg fo shàiltean, cho beo, làidir air muin an eich ’s gun deach e seachad air an taobh eile, ’s dha ’n fhéithe chaidh e ’n comhair a chinn. Ach fhuair e air falbh mu dheireadh, ’s ged a bha e feuchainn ri amharc duineil, spaideil, neo-ar-thaingeil, [TD 3] [Vol. 11. No. 1. p. 3] cha robh buaidh leis, ’s cha b’ fhearr e ’san àm na bodach-fheanng air dùnan. “Is cinnteach mi,” ars’ Iain Mór ’s e ’g amharc na ’dhéigh, “nach ann a thaobh modh a fhuair e na cuimhnachan ud air a ghnùis. Ach saoil thu, Eachainn, ciod a bha e ’ciallachadh mu ’n chat-fhiadhaich Ghaidhealach? An trùilleach, tha mi-fhéin a smaointeachadh nach e cat ceithir-chasach a bha e ’ciallachadh.” “Tha thu ceart, Iain; cha b’e. An dug thu ’n aire dha aodann glas ’san àm a fàs cho dearg ri giomach bruich. Ach, Iain, gheibh sinn a mach rudeiginn, ma chumas sinn ar sùilean ’s ar cluasan fosgailte, aig cluichean Caisteal an Tuilm Uaine Diordaoin ’sa tighinn.” Bha fios aig na Gaidheil gu’n robh iad ga ’n cur fhéin ann an cunnart mor le ’dhol am measg naimhdean. Aig àm eile dh’ fhaodadh iad iad-fhein a chur as aithne, agus a dhol na ’m measg gun mhòran cunnairt, ach a nis cha ghabhadh sin deanamh a thaobh ’s gu ’m faca Caiptean Eanruic iad nan cruth nàdurra, ’s ged a dh’ innis iad dha gu ’m buineadh iad do chuideachd Earraghàidheal, dh’ fhaodadh iomadh nàmhaid ghuineach a bhith lathair aig na cluichean a dh’ aithnicheadh Iain Mòr; ach cha robh so a’ cur cùram orra. Na aghaidh sin ’s ann a bha ’n gàbhadh a bha cho faisg ga ’m fàgail na bu deònaiche ’dhol na ’choinneamh gu buaidh. ’S mar sin bha agus bithidh. Co ’m fìor Ghaidheal a chuir riamh cùl ri gàbhadh a thainig eadar e ’sa mhiann, no ’chuireas fhad ’sa bhios cainnt mhilis Oisein air a theangaidh? Mar a dh’ éirich dh ’an da laoch air an turus so cha ghabh innseadh aig earaball a chaibideal so, ’s mar sin feumaidh sinn ceann ùr a dheanamh dha, agus birn’ eile ’shniomh an uair a chuireas sinn olla ris a chuibheal. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. ALADIN. CAIB. III. MU dheireadh thall rainig iad bealach cumhann a bh’ eadar da bheinn. B’ e so an t-aite dh’ ionnsuidh an robh toil aig an draoidh Aladin a thoirt a chum gu ’n cuireadh e ’n gniomh an obair air son an d’ thainig e dh’ aon ghnothuch a Africa gu ruige Shina. “Rainig sinn a nis ar ceann-uidhe,” ars’ esan. “Chi thu sealladh nach fhaca tu riamh a leithid—sealladh nach fhaca mac mathar riamh roimhe. Bidh tu gle thaingeil dhomhsa air son a leigeil fhaicinn dhuit. Falbh agus cruinnich a h-uile bioran a gheibh thu, agus beothaichidh sinn teine an so an ceart uair.” Ann an tiotadh fhuair Aladin biorain gu leor. Ghrad chuir an draoidh goinnein riutha, agus las iad suas ann am mionaid. An uair a bha ’n lasair ’na h-airde thilg an draoidh tuis anns an teine, agus ann am briobadh na sul cha bu leir dhaibh a cheile leis a’ mheall cheo a dh’ eirich as an teine. Labhair an draoidh beagan fhacal nach do thuig Aladin. Dh’ fhairich e ’n talamh a’ dol air chrith fo ’chasan, agus an uair a sheall e air an aite anns an robh an teine chunnnaic e leac cheithir-oisinneach, mu shlait air gach rathad, agus failbheag umha innte air son a togail. Bha e air chrith leis an eagal roimh na chunnaic ’s na dh’ fhairich e, agus nan robh fios aige ciod an rathad a ghabhadh e, bha e air a chasan a thoirt as. Ach rug an sin an draoidh air ghulainn air, agus thug e crathadh garbh air. Chain e e thun a bhrogan, agus bhuail e dhorn air ann an toll na cluaise a leag ’na sgleog air an talamh e. Cha mhor nach do chuir e h-uile fiacaill a bh’ ann ’na shlugaid. Cha robh fhios aig Aladin truagh ciod a b’ aobhar gu ’n d’ fhuair e ’ghiullachd air an doigh so. Dh’ eirich e o ’n talamh ’s e ’caoineadh ’s thuirt e, “Ciod e ’n cron a rinn mi, ’bhrathair m’ athar, an uair a rinn sibh a leithid de dhroch dhioll orm?” “Cha b’ ann gun aobhar a rinn mi na rinn mi ort,” ars’ an draoidh; “is mise a dh’ fheumas gniomh athar a dheanamh riut, agus cha choir duitse math no olc a radh riumsa ciod sam bith ni a ni mi ort. Ach a chaomhain,” ars’ esan ’s e ’taiseachadh, “na biodh eagal sam bith ort. Cha ’n ’eil mi ag iarraidh ort ach mo chomhairle ’ghabhail anns gach ni a chuireas mi mar fhiachaibh ort a dheanamh, agus ma ghabhas tu mo chomhairle theid mi ’n urras nach caill thu air.” An uair a chuala Aladin so dh’ fhas e na bu toilichte, ’s na bu lugha eagal. Ged a bha lan a chinn de mhi-chiataibh aige de ’n draoidh air son mar a rinn e air ’s e neo-chiontach, smaoinich e gu ’m b’ fhearr dha ’bhith umhail. “Chunnaic tu,” ars’ an draoidh, “mar rinn mi leis an tuis a thilg mi ’s an teine, agus leis na facail a labhair mi. Fo ’n chloioh sin, ma ta, tha moran ionmhais air ’fhalach air do shonsa, agus bithidh tu na ’s beairtiche nan righ a’s beairtiche a th’ air an t-saoghal. Cha ’n ’eil duine air an t-saoghal a dh’ fhaodas a lamh a chur air a’ chloich so, no a togail as a h-aite, ach thu fhein. Cha ’n ’eil e ceadaichte dhomhsa mo lamh a chur oirre, no dhol sios do na seomraichean anns am bheil an t-ionmhas. Mar sin, feumaidh tusa gun dail sam bith a’ chlach a thogail, agus gach ni a dh’ iarras mise ort, a dheanamh.” An uair a chuala Aladin mu ’n ionmhas neo-chriochnach a bh’ anns na seomraichean fo ’n talamh, agus gur ann air a shon fhein a bha e air a thasgadh, dhi-chuimhnich e gach olc a rinneadh air, agus thuirt e: “Tha mise lan-dheas, a bhrathair m’ athar, air son ni sam bith a dh’ iarras sibh orm a dheanamh.” “Tha mi ro thoilichte sin a chluinntinn, a chaomhain,” ars’ an draoidh, ’s e breith ’na dha laimh air ’s ga theannachadh ri ’uchd. “Thig an so, ma ta, agus beir air an fhailbheig, agus tog a’ chlach.” “Cha ’n ’eil mi laidir gu leor gus a togail,” ars’ Aladin, “feumaidh sibh fhein cuideachadh a thoirt dhomh. “Cha ’n ’eil feum agad air cuideachadh sam bith uamsa,” ars’ an draoidh, “ma theannas mise ri do chuideachadh theid a’ chuis ’n ar n-aghaidh gu buileach; feumaidh tu a togail leat fhein. Beir air an fhailbheig, agus abair ainm d’ athar agus do sheanar, an sin tog a’ chlach, agus chi thu gu ’n teid agad air a togail furasda gu leor.” Rinn Aladin mar a dh’ iarraidh air, agus thog e ’chlach gun dragh sam bith. An uair a thogadh a’ chlach bha slochd foidhpe mu thri no ceithir de throidhean air doimhneachd. Aig bonn an t-sluichd bha dorus, agus an uair a dh’ fhosgail Aladin e bha ceuman staidhreach a’ dol sios do na seomraichean a bha fo ’n talamh. Ach mu ’n deachaidh e sios thuirt an draoidh ris: “Gabh beachd math, a mhic, air na bheil mi dol a dh’ innseadh dhuit. An uair a theid thu sios agus a ruigeas tu bonn na staidhreach, gheibh thu dorus fosgailte, agus theid thu steach air. Tachraidh tri seomraichean mora riut. Anns gach seomar dhiubh so tha ceithir soithichean mor ’umha air gach taobh, luma-lan oir is airgid; ach thoir do cheart aire nach teid thu ’nan coir. Mu ’n teid thu steach do ’n cheud sheomar bi cinnteach gu sgioblaich thu d’ aodach gu math, air eagal gu suath thu ann an ni sam bith. Os cionn gach ni, thoir do cheart aire nach suath d’ aodach ri balla seach balla; oir ma shuathas cha bhi tuilleadh saoghail agad. An uair a ruigeas tu an treas seomar chi thu dorus air a’ cheann a’s fhaide uat dheth, fosglaidh tu e, agus theid thu steach do ’n gharadh. Anns a’ gharadh tha craobhan de gach seorsa, agus tha iad cho lan de mheasan ’s a ghiulaineas iad. Gabh direach tarsuinn a’ gharaidh, agus lean romhad gus an tig thu gu bonn staidhreach anns am bheil coig ceumannan air airde. An uair a dhireas tu na ceumannan, chi thu cuil bheag anns a’ bhalla mu d’ choinneamh anns am bheil cruisgein laiste. Tog leat e, agus cuir as e. Tilg uat an t-siobhag, agus doirt as an olla, agus cuir ann a’ d’ bhroilleach e agus thoir a’ m’ ionnsuidh-sa e. Na biodh eagal ort gu mill an olla d’ aodach, cho luath ’s a dh’ fhalamhaicheas tu ’n cruisgein bidh e tioram gu leor. Ma bhios toil agad rud de na measan a chi thu anns a’ gharadh a thoirt leat, tha cead agad air na ’s urrainn duit a thoirt leat.” An deigh do ’n draoidh so a radh, thug e fainne bhar a’ mheoir fhein, agus chuir e air meur Aladin e; agus thuirt e ris gu ’n gleidheadh am fainne o gach olc e, fhad ’s a bhiodh e air toir a’ chruisgein. Anns an dealachadh thuirt e ris: “Gabh sios, a mhic, agus na biodh fiamh, no eagal ort, agus bidh sinn le cheile saoibhir fad uile laithean ar beatha.” Sios a ghabh Aladin gu sunndach do ’n uaimhe. Fhuair e na tri seomraichean mar a thuirt an draoidh. Choisich e trompa cho faicilleach ’s a b’ urrainn da; ghabh e tarsuinn a’ gharaidh gun stad; thog e leis an cruisgein, agus thilg e as na bha ’na bhroinn eadar shiobhaig is olla, agus chuir e ’na bhroilleach e. Ach an uair a bha e tilleadh smaoinich e gu ’m bu choir dha rud de na measan briagha a bh’ air na craobhan a thoirt leis. Cha ’n fhaca e measan riamh de ’n leithid. Cha robh dath air an smaoinicheadh duine, no dath air nach smaoinicheadh e, nach robh orra. Ged a bha duil aig Aladin gur e measan a bh’ annta do bhrigh gu robh iad mar gu ’m biodh iad a’ fas air na craobhan ’s e bh’ annta neamhnaidean agus clachan luachmhor. B’ fhearr le Aladin gu mor lan a phocaidean de na figean ’s de na fion-dhearcan na lan a phocaidean diubh; ach o ’n a bha dathan cho briagha ’s cho annasach orra, agus o ’n a bha iad cho mor thug e leis na b’ urrainn da dhiubh. An uair a lion e a phocaidean, theannaich e ’n crios a bha mu mheadhon, agus chuir e na b’ urrainn da dhiubh eadar e ’s a chuid aodaich. Ged a bha eallach a dhroma air dhe ’n ni a’s luachmhoire a th’ air an t-saoghal cha robh fios aige fhein gu ’m b’ fhiach na bh’ aige a bheag sam bith. Ghreas e air cho math ’s a b’ urrainn da, agus an uair a rainig e beul an t-sluichd far an robh ’n draoidh g’ a fheitheanh ’s e air thuar fhoighidin a chall, thuirt e: “Sinibh dhomh ’ur lamh, a bhrathair m’ athar, feuch am faigh mi suas a so.” “Thoir dhomh an cruisgean an toiseach,” ars’ an craoidh, “tha eagal orm gu bheil e draghail duit.” “Gu dearbh cha ’n urrainn domh an drasta, cha ’n ’eil e ’cur dragh sam bith orm; ach cho luath ’s n gheibh mi a so bheir mi dhuibh e,” ars’ Aladin. Bha ’n draoidh cho rag ’s nach tugadh e ’lamh a dh’ Aladin gus am faigheadh e greim air a’ chruisgein. Bha Aladin cearta coma dhe ’n chruisgein; ach cha b’ urrainn da an cruisgean a thoirt seachad gun na measan a bha ’na bhroilleach a chall, agus sid rud nach deanadh e a muigh na mach. ’S e thainig as a’ chuis gu ’n do ghabh an draoidh corruich anabarrach ri Aladin. Thilg e rud de ’n tuis anns an teine a bha laimh ris, agus labhair e dha no tri de na facail dhraoidheachd, agus ann am briobadh na sul bha chlach anns an robh an fhailbheag air a cur air beul an t-sluichd. (Air a leantuinn air taobh 6.) [TD 4] [Vol. 11. No. 1. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IULAIDH 11, 1902. Righ Iomhar Tinn. CHAIDH tilleadh ’sa chrùnadh ris nach robh mor dhùil. Air feadh na h-Impireachd Bhreatunnaich air fad, bhatar ag ullachadh air son aimsir greadhnachais agus aoibhneis air an t-siathamh ’s an seachdamh latha fichead dhe ’n òg-mhios. Ach mu ’n dàinig an latha sin bha ’n greadhnachas ’s an t-aoibhneas air tionndadh gu dubhachas ’s gu bròn. Thainig fios gu robh an righ air a leagadh sios le tinneas, agus gu robh a bheatha ’n cunnart. Agus ma bha cridheachan a chuid iochdaran anns gach cearna dhe ’n domhan air an gluasad g’ a ionnsuidh an àm an aoibhneis, bha iad air an gluasad g’ a ionnsuidh ann an tomhas na bu làine ’s air mhodh a bu dùrachdaiche an àm a bhròin. Agus a nise o’n tha e air a dhol am feabhas, agus coltas air a bhi air aiseag gu slàinte tha iad air an ceangal ris le bannan dìlseachd agus gràidh mar nach robh iad riamh roimhe. Ma theid gach ni gu ceart, bidh an crùnadh air a dheanamh mu mheadhon an ath mhios, ach cha bhi an greadhnachas cho mor ’s a bha e gu bhith air a mhios a dh’ fhalbh. Tha an righ fein, cho math ris an t-sluagh, a gabhail an tillidh a fhuair iad mar theachdaireachd o Righ nan righrean gu robh iad a’ cur luach ro-mhor air glòir talmhaidh agus an cunnart Ughdar gach cumhachd agus glòir a bh’ air am buileachadh orra a leigeadh air dichumhn. Tha sinn uile taingeil gu bheil an righ air a chaomhnadh dhuinn, agus an dòchas gu ’n ruith iomadh bliadhna seachad mu ’n aithrisear sgeul a bhàis. Airc Noah. Thainig fios dh’ ionnsuidh nam paipearan an la roimhe ag innse gu robh àirc Noah air a faotainn. Cha b’ ann air Beinn Ararait a fhuaireadh i, ach ann an cearn iomallach de Alasca, air mullach beinne ’s fiodh ghopher de ’n robh i air a deanamh air tionndadh gu cloich. ’S ann bho na h-Innseanaich a thainig an sgeul. Tha daoine ’m barail nach eil ann ach creag mhor air an d’ fhàg làmh nadair a bheag no mhor de chumadh a thug air na h-Innseanaich a chreidsinn gu’m b’ e bh’ ann an long mhor cheithir chearnach, gun chrann, gun stiùir, a ghiùlain Noah ’s a theaghlach ’s a chuid feudail gu sàbhailte troimh ’n dìle. Tha sinn an dòchas gu bheil a’ bharail sinn ceart. Bhiodh e na ’ghnothuch mi-fhortanach gu ’m faighte an àirc air fonn nan Geancach. Tha iad mor gu leòr as an dùthaich mar a tha, ach na ’n saoileadh iad aon uair gu ’m b’ ann na ’n dùthaich fein a bha beinn Ararait, agus gu robh an àirc fhathast gun ghrodadh oirre, cha b’ urrainn do mhuinntir dhùthchannan eile bhi beo leò. Laoidh na Rioghachd. EAD. LE K. W. G. FAILT’, mìle fàilt do’n Rìgh! Slàinte, deagh-shlàint do’n Rìgh! Gràs Dhé do’n Rìgh! Crùn thus’ e ’Dhé, le glòir, Crùn e le gràdh a shlòigh, Guidhe ar crìdh’ ’s ar beòil, Deadh-shlàint’ do’n Rìgh! Eirich a Thriath nam feart; Eirich a Dhia ar neart, Do’n Rìgh thoir sìth: Tog Thusa suas do Làmh, Buadhaich thar neart gach nàmh, Deònaich do’n Rioghachd tàmh Ré làith’ an Rìgh. Tiodhlaca maith do stòir Gu fialaidh saoibhir dòirt Air ceann an Rìgh: Gu’n dìon e ’n lagh ’s gach teinn, Rath fìor gu ’m bi r’a linn, A shlòigh gu sìor gu ’n seinn Deadh-shlàint’ do’n Rìgh! Ar Bàn-righ àluinn, shèimh, An sìth ’s an sòlas glèidh; Do’n Bhàn-righ slàint’! Ard-iolach gaoil a sluaigh Eireadh o chuan gu cuan; Deadh-ghean ’ga dìon mu’n cuairt; Do’n Bhàn-righ slàint’! A Call an Cliu. Bha na Geancaich, riamh o thoiseach an saoghail fein, ainmeil mar cheannaichean. Bha cliù aca bhi na ’n daoine gleusda, geura, a gheibheadh aig gach iomlaid a dheanadh iad barrachd ’s a bheireadh iad seachad. Mhill iad an cliù sin gu mor anns na h-Eileanan Filipeach. Phàigh iad do’n Spàin air son nan eileanan sin fichead millein dolair, agus chosg iad faisg air naodh fichead millein eile a’ feuchainn ri ’n toirt bho na nàisinnich. A dh’ aindeoin sin cha’n eil na h-eileanan aca saor á grunnd fhathast, agus faodaidh latha ’s bliadhna dhol seachad mu ’m bi. Ach faodaidh e bhi gu ’n éirich cleas fir na moch-éirigh dhaibh—aon uair ’s gu ’n d’ fhuair e ’n t-ainm dh’ fhaodadh e laidhe anmoch. Ma bha cliù aca mar dheagh luchd-gnothuich, nach toir gnothuch leibideach nan Eileanan Filipeach uap’ e. Toiseach Bliadhn’ Eile. Leis a àireamh so tha MAC-TALLA a’ toiseachadh air bliadhn’ eile; tha e nise ’dol ’s na h-aon deug. Re nan deich bliadhna a chuir e seachad, thachair iomadh ceap-tuislidh air: cha robh ’n rathad a shiubhail e cho reidh no cho còmhnard ’s bu mhiann leis, ach fhuair e thairis air. An fhad so ràinig e. Aig na Gàidheil a tha ri radh cia fhad ’s a ruigeas e. O chionn naodh miosan air ais, cha’n eil e tighinn a mach uair ’san t-seachduin mar bha e roimhe; tha ’n luchd-gabhail cho gann ’s nach gabh sin deanamh as eugmhais nan sanas. Am bheil e gu leantuinn mar so? no an dean iadsan aig am bheil suim do’n Ghailig ’s a tha gabhail tlachd ’sa phaipeir dichioll air àireamh an luchd-gabhail a dheanamh cho mor ’s gu ’n gabh e cur a mach cho tric ’s a b’ àbhaist? A reir ar comais, tha sinne ’deanamh cho math ’sa dh’ fhaodas sinn. Gun a bhi ciontach de fhein-mholadh, faodadh sinn a radh gu bheil MAC-TALLA, mar a tha e, na dheagh luach air son na prise, gu bheil barrachd de dh’ eòlas ’s de dh’ fhior litreachas ann ruith na bliadhna ’s a gheibhear ann an iomadh paipear is leabhar a thogas an cheann gu math àrd. Agus le ceartas a thoirt dha gabhaidh e deanamh moran na’s fhearr. ’S ann o ’n luchd-gabhail a tha ’n ceartas sin ri tighinn. Saoil sibh fein an tig e? Le fior bheagan saoithreach theid ac an ùine gle ghoirid air MAC-TALLA chur air bonn cho daingeann ’s nach dàna leis talach. An gabh iad an t-saothair sin? aca fein a tha fios, agus aca fhein a mhàin. Dhia Gleidh an Righ. BIDH an t-seirm so air a cluinntinn anns na làithean so am measg mhòran aig an tigh agus thairis. Agus tha i airidh air a bhi toirt cluas di. Air an aobhar so gu ’m bheil an ceòl a tha na ’gnè làn do sheadh gràsmhor agus cuideachail do na slòigh lìonmhor a tha ag aideachadh riaghladh ar Rìgh. Tha tomhas do neart spioradail ann an seann fhacail; agus mar sin tha na facail so mu ’n Rìgh làn de bhrìgh do mhóran a bhios ’gan seinn feadh ar n-iompaireachd farsuinn. Bidh na rannan a leanas air an seinn le mìltean do Ghàidheil anns gach cearn air thalamh:— Dhia, gléidh an Rìgh le d’ ghràs An rìgheachd as gach càs: Dhia, gléidh an Rìgh! Biodh e a ghnàth fo d’ làimh Le buaidh os ceann gach nàimh, ’N ad ghràdhsa faotainn sàimh, Dhia, gléidh an Rìgh! Air-san ’nad mhaitheas mòr Taom pailteas as gach stòr Fo shròl na sìth; Dìonadh ar laghan dhuinn; ’S togar leinn iolach binn, Le crì is guth a’ seinn, Dhia, gléidh an Rìgh! SGIORRAIDHEAN BAIS—Di-sathairne, an t-ochdamh latha fichead dhe’n mhios a chaidh seachad, bha fear Richard Parrs, a mhuinntir Newfoundland, air a mharbhadh ann an aon de mheinnean Ghlace Bay. Chaill e ’ghreim air a chrò a bha ga ’thoirt gu uachdar, agus thuit e ’n comhair a chinn do’n toll, naodh ceud ’s tri fichead troigh. Bha e marbh gu grad, agus bha a chorp air a mhilleadh gu mor. Di-haoine s’a chaidh, bha òganach d’ ann b’ ainm Domhnall O’Handley, air a mharbhadh am mèinn an Reserve. Bha e ’g obair mu na tubaichean, agus chaidh a bhualadh le té dhiù a bha air fuasgladh o’n t-slabhruidh. Bha e air a ghrad mharbhadh. Cha robh e ach seachd bliadhn’ deug a dh’ aois. Bhuineadh e do Ghleann-dàil an siorrachd Inbhirnis. AM FEAR-DEASACHAIDH TINN—Tha am fear-deasachaidh na laidhe tinn o chionn còrr is ceithir seachduinean. ’S e sin is coireach an àireamh so dhe ’n phaipeir a bhi seachduin air deireadh. Nuair nach bi stiùireadair gnothuich aig ’obair bidh iomadh maille ann, agus cha ghabh cùisean cumail air adhart mar bu chòir. Anns an da bhliadhna gu leth a chaidh seachad, dh’ fhuiling am fear-deasachaidh moran tinneas, agus cha robh MAC-TALLA, air an aobhar sin, cho riaghailteach na thighinn a mach ’s bu mhiann leinn. Ach tha fhios againn nach bi an luchd-gabhail ga ’r n-agairt air-son ni nach gabh seachnadh. A’ TIGHINN DO SHIDNI—Tha an t-Urr. Clarence Mac-Fhionghain a’ tighinn do Shidni. Aig coinneamh Cléire ann a Halifacs, Di-luain s’a chaidh, ghabh e an gairm a chuireadh uige le coithional St. Andrew’s, agus bidh e air a shuidheachadh ’san eaglais sin toiseach an ath mhios. Bha dlùth air seachd ceud gu leth ainm ris a ghairm. B’ ainmean luchd-comanachaidh corr is tri cheud gu leth dhiubh sin. [TD 5] [Vol. 11. No. 1. p. 5] An Dilleachdan Bochd. (Air a leantuinn o thaobh 6.) adh agus ath-leasachadh. Bha am fear-ealaidh sin a chòmhnuidh ann am baile a bha beagan mhiltean air falbh, gidheadh chaidh an dilleachdan agus an fhidheall gun dàil d’ a ionnsuidh. Air do ’n fhear-ealaidh an fhidheall a thoirt as a’ chéile, sheall e air an óganach, agus dh’ fheòraich e dheth, an robh dùil aige ris an fhidheall sin a reiceadh air son deagh luach? Air do ’n oganach a bhi an duil gu ’n robh i anabarrach daor air fein, cha dubhairt e diog. Bha duin’-uasal a làthair aig an àm a thog clàran na fidhle ’n a làimh, a sheall gu géur orra fa leth, agus a thubhairt gu ’n robh an t-inneal sin da rìreadh luachmhor. “Thà gu ’n teagamh,” deir am fear-ealaidh; “is fhiach an fhidheall sin eadar ceithir agus cuig fichead pùnnd Sasunnach. Is i so te de na fidhlean a’s fearr a rinneadh ann an Cremóna, àireamh chéudan bliadhna air ais.” Cheartaicheadh gu curamach i, agus chunncas nach robh a leithid ach ainneamh r’a fhaotuinn a thaobh gléusaidh agus fuinn. Rùnaich an dilleachdan an fhidheall a ghleidheadh air gach uile chor, agus bha a luchd-eòlais làn toilinntinn a thaobh na dòigh air an d’ fhuair e gréim oirre. Cha b’ fhad gus an do ruig an naigheachd mu luach na fidhle cluasan an duine ghràineil sin aig an robh i an toiseach. Bha e làn feirge agus farrainn air son mar a dh’ éirich dha, ach cha robh comus aige a bheul fhosgladh, a cheann gu ’n do reic e i gu riaghailteach, ach air bheag cliù dha fein. Mar bha bliadhnaichean a’ ruith thairis, bha ’n dilleachdan ag ath-leasachadh a’ chuid ’s a’ chuid na ’dhréuchd. Mu dheireadh, ceart mar a bha ’n fhidheall aige gun choimeas air son feabhais, mar fear-ciùil. Bha e cliuiteach, measail, agus macanta. Dh’ fhàs e glé shaibhear, ach bha e truacanta, teo-chridheach, agus fialaidh le chuid do ’n fhéumach. Cha b’ fhad gus an d’ fhàs an droch-dhuine sin a shàruich e na ’òige agus na ’bhochduinn, na ’chuspair truagh an éu-dochas. Bha e gun mheas aig a luchd-duthcha, agus ’na chùis-ghràine do gach inbh agus aois. Thuit a theaghlach sìos gu bochduinn agus truaighe,—agus is minic a dh’ iarr, agus a fhuair a shliochd luideagach deirce aig dorus fialaidh an dilleachdan mu ’n d’ aithriseadh an sgéul so. SGIATHANACH. Litir a Lag an t-Slocain. FHIR-DEASACHAIDH,—Ma chì sibh iomchuidh an litir so a chur anns a MHAC-TALLA—sin ri ràdh ma ’s fhiach i àit’ fhaighinn na ’r pàipear gasda—feuchaidh mi ri facal no dha a chur ugaibh an dràsda ’s a rithist, ma bhios mi beò agus air a chothrom. Anns a cheud dol a mach faodaidh mi a ràdh gu bheil MAC-TALLA a còrdadh rium anabarrach math, leis gach sgeulachd is òran gasda a tha sibh a cur ann gach darnacha seachdain. Cha chreid mi fhìn gu bheil e ’n comas do neach sam bith coire fhaotainn dha, o thoiseach gu deireadh na bliadhna. Tha na “Sgeulachdan Arabianach” air an sgriobhadh ann an rogha is tagha na Gàilig; agus cha ’n ’eil “Iain Mór nan Ord”—an diùlannach treun, is b’ esan sin!—dad air deireadh. ’S ann aig “Gleann-a-Bhàird” fhéin a tha an gnothuch ris na h-òrain. Tha mi glé chinnteach gur iomadh òran Gàilig a bhiodh air a chall gu buileach mur b’ e saothair an duine ghasda so. Tha MAC-TALLA a nise ’dol na ’aona-bliadhna-deug, agus cha ’n fhaca mi litir ann anns an ùine sin bho ’n àite so. Air an aobhar sin smaoinich mi nach biodh e as an rathad dhomhsa facal no dha a chur uige. Bhithinn air litir a sgriobhadh o chionn fada mur b’e gun robh mi ga ’fhàgail aig sgriobhadairean eile, a tha moran na ’s comasaiche na tha mise air Gàilig a sgriobhadh. Agus a rithist, ’nuair a tha an aois, leis gach trioblaid a tha na ’lorg, a tighinn air mnaoi bhochd mar a tha mise, cha chuir e ioghnadh sam bith oirbh cho fada ’sa bha mi gun sgriobhadh ugaibh. Is fìrinneach briathran a bhàird: “Cha ghluais mi ach mall, Agus cuaill ann a m’ laimh, Dol mu ’n cuairt air gach allt is féithe.” Is iomadh atharrachadh a thàinig air MAC-TALLA o’n latha ’dh’ fhosgail e ’shùilean ann an tìr nam beò. Nach mor an t-atharrachadh a thainig air anns na deich bliadhna a chaidh seachad? Agus ’s e mo ghuidhe fhìn agus guidhe gach bana-Ghàidheil, gu bheil iomadh bliadhna sona, soirbheachail air thoiseach air. Anns a bhaile far an d’ rugadh MAC-TALLA tha iomadh atharrachadh air tighinn. Tha obair-iaruinn ann nach ’eil a leithid ach ainneamh ri fhaicinn ann an cearna sam bith dhe ’n t-saoghal—ni a tha air moran sluaigh a thoirt do ’n àite sin. Tha mi an dòchas gu bheil iomadh Gàidheal nam measg a bhios na ’n cuideachadh mor do ’n phaipear Ghàilig “le ’n cinn, le ’m pinn ’s le ’n sporan.” Tha mi ag ionndrainn nach ’eil mi a faicinn litrichean anns a’ MHAC-TALLA na ’s trice as a Ghàidhealtachd. Cha ’n ’eil sinn a cluinntinn guth no iomradh bho “Bhodachan a’ Ghàraidh” agus bho “Iain” agus sgriobhadairean eile a bhiodh a cur litrichean pongail ga ’ionnsuidh. Tha mi an dòchas, o’n a thàinig crìoch air a chogadh, gu ’m faic sinn litrichean na ’s trice as a’ Ghàidhealtachd. Tha mise gle eòlach air bana-charaid dhomh a tha cho làn de sgeulachdan ait ’s de dhàin aighearach ’sa tha an t-ubh dha ’n bhiadh. Feumaidh mi taghal oirre feuch am faigh mi fear no dha bhuaipe, sin ri ràdh ma bhios saod math oirre. Tha e a cur ioghnadh gun chiall oirre nach ’eil “Mac Uisdean” a cur tuilleadh de phuirt-a-beul ugaibh. Agus o’n a thainig mi seachad air na puirt-a-beul faodaidh mi a ràdh gu ’n cuala mi fhìn port no dha aice ga ’n gabhail a fhreagradh glé mhath air do leughadairean. Tha an litir so fada gu leòr. Tha mi an dòchas gu ’m faigh sibh oisinn dhith anns a MHAC-TALLA. Is mi bhur caraid dìleas, PEIGIDH PHABACH. Lag an t-Slòcain. Naigheachdan. AN CORP AIR FHAOTAINN—Fhuaireadh air an t-seachduin s’a chaidh, corp na mnatha aosda a dh’ fhàg a dachaidh am Margaree, mu dha mhios air ais. Bha i taobh anns nach robhas an toiseach ag amharc air a son idir, air falbh on rathad-mhor suas a bheinn. Tha a bás muladach a cur mulaid air muinntir na sgìreachd air fad, oir bha i na ’mnaoi gle mheasail. STRITH CHOSDAIL—Tha strith mhor a’ dol air adhart anns na Staidean o chionn còrr is da mhios, eadar sealbhadairean nam mèinnean-guail agus an luchd-obrach. Tha ’n luchd-obrach ag iarraidh leasachadh tuarasdail, agus nuair nach d’ thugadh dhaibh e, sheas iad a mach o obair. Tha iad mar sin o chionn naodh seachduinean, agus tha gach taobh cho rag ’s gu bheil iad fhathast mar a bha iad a’ tòiseachadh. Tha na sealbhadairean a’ cur rompa buaidh a thoirt air an luchd-obrach, agus cha striochd iadsan gus an fheudar dhaibh leis an acras. Chuir an t-strìth so a cheana call mor orrasan a tha innte agus air muinntir na dùthcha,—call a tha daoine breathnachail a’ meas aig coig millein fichead dolair. Aig an ruith sin, ’s ann mar is luaithe thig crioch oirre is fhearr. Cha’n eil na mèinneadairean a’ faotainn ach tuarasdail gle bheag air son an cosnaidh tuarasdail a bhiodh air am meas gle shuarach ann an meinnean Ceap Breatunn. CUISEAN AN ONTARIO—Tha riaghladh an Rosaich, an Ontario, air clach-au-turamain. Cha ’n eil aige nise aca aon a bharrachd air na Conservatives, agus aon àite-suidhe falamh a bhios gun teagamh air a lionadh le Liberal. Cha urrainn dha gnothuch riaghlaidh a dheanamh le àireamh cho beag sin, agus ’s i chùis a’s coltaiche gu feum taghadh eile bhi ann romh dheireadh na bliadhna. Tha an Rosach fhéin aig an àm so thall ann an Sasuinn far an deach e gu bhi làthair aig crùnadh an righ. BAS MULADACH PAISDE—Di-dòmhnaich s’a chaidh chaochail pàisde nighinn, aois choig bliadhna, le Donnachadh Friseil air Victoria Road, le losgadh a fhuair i mu dheich latha roimhe sin. Bha i cluich air cùl an taighe, far an robh teine beag air fhadadh air son sliseagan is maidean a bhatar a’ cruinneachadh a losgadh. Rinn an teine greim air a h-aodach, agus nuair a ruith i staigh gu ’màthair bha i air a cuartachadh le lasraichean. Chaochail i an deigh cràdh uamhasach fhulang fad dheich latha. SAMHRADH FIONNAR, FUAR—Tha an samhradh gu ruige so neo-chumanta fuar. Cha dainig fhathast ach dha no tri làithean anns an robh a bheag de theas, agus tha ’bhuil sin air gach ni a tha fàs; tha iad fad air deireadh air mar a b’ àbhaist. Tha daoine beachdail am barail nach bi moran teas againn anns an dùthaich so am bliadhna; gu bheil teas an t-samhraidh daonnan a’ co-fhreagairt ri fuachd a’ gheamhraidh, agus a’ bhliadhna nach bi an geamhradh fuar nach bi an samhradh teth. Ma tha ’bharail sin ceart, cha mhor teas a thig air an t-samhradh so, oir b’ fhior bheagan fuachd a thainig ’sa gheamhradh. FEUMACH AIR DROCHAID—Tha Caolas Chanso gle fheumach air an drochaid a thatar a’ cur mu dheidhinn a chur thairis air. Tha na bàtaichean-aiseig ris am bheil an rathad-iaruinn ’s luchd-siubhail, gle mhi-chinnteach. Tha an Scotia, am bàt’ ùr a chosg leth millein dolair, na laidhe aig Mulgrave gun choltas feuma sam bith oirre. Agus cha’n ainneamh leis an t-seann bhàt’ a dhol air grunnd no a dhol cearr an dòigh eile air chor ’s gu ’m bi fadal is maille mhor air a chur air luchd-turuis. Cha’n eil ni a’s fhearr na ’n drochaid na ’n rachadh a togail ’s gu’n gabhadh i deanamh làidir, cinnteach. Bhiodh i air aon de na drochaidean bu mhotha bhiodh air an t-saoghal. Chosgadh i mu choig millein dolair. A’ CHUIRT MHOR—Tha chùirt mhor na ’suidhe anns a’ bhaile o chionn tri seachduinean. Bha àireamh mhor de phriosanaich ri ’m feuchainn, agus cha d’ fhuaireadh dh’ ionnsuidh nan càsan siobhalta gu toiseach na seachduin so. Fhuair Iain Brown fichead latha priosain. Bha a pheanas air aotromachadh a chionn e bhi tinn, agus a reir coltais a’ bàsachadh. Fhuair fear Iain Mac Neill, air son losgadh air duine, ceithir miosan priosain; Donnachadh Steele, air son meairle, tri bliadhna ’san taigh-obrach; agus Iain Mac Gillfhaollain, air son maide ’cheangail ris an rathad-iarunn, coig bliadhna. Chaidh Adam Bayley, a bha air fheuchainn air son moirt, a shaoradh leis an Jury ach tha e ri bhi air fheuchainn air son ciont eile aig cùirt October. SGEULA MULADACH A MABOU—Maduinn Di-màirt s’a chaidh bha Iain MacKeen, am Mabou, air a chur gu bàs air dòigh uamhasach—air a tholladh le tarbh ’s air a ghrad mharbhadh air fhearann fein. Bha am beathach roimhe sin ciallach gu leor, gun chrosdachd sam bith a nochdadh riamh, agus cha ’n eil fhios ciod a ghluais e aig an àm ud. Bha an corp air a reubadh ’s air a bhruthadh gu dona. Bha Mr MacKeen leth-cheud is naodh bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bantrach is dithis chloinne. Tha a mhac, a bha ’n Africa mu dheas mar shaighdear, aig an àm so air a thurus dhachaidh. Bu bhràthair Mr MacKeen do ’n t-Senator ann a’ Halifacs, agus do ’n Dotair an Glace Bay; tha bràthair eile dha, Lewis, ann am Mabou. Bha eòlas farsuinn air, agus bha meas air far an robh eòlas air. Bidh ionndrainn mhor air an siorrachd Inbhirnis. Posadh. Aig Mulgrave, Iun an 26mh latha, leis an Urr. Iain Mac-an-Tòisich, Domhnull Mac-an-Tòisich agus Seònaid I. Nic-Griogair, le chéile ’mhuinntir Malagawatch. [TD 6] [Vol. 11. No. 1. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 3.) Dhearbh so nach robh cairdeas sam bith aig an draoidh ri Aladin, ach gur e bh’ ann am fior mhealltair. Tha moran de mhuinntir Africa a cleachdadh draoidheachd. Bha ’n duine so o oige ris an droch obair so, agus air dha tighinn gu aird anabarrach anns gach eolas a bhuineadh do dhraoidheachd fhuair e mach gu ’n robh cruisgean iongantach anns an t-saoghal a bheireadh dha, nam faigheadh e greim air, barrachd cumhachd agus saoibhreis air na bh’ aig an righ bu chumhachdaiche a bha riamh air an t-saoghal. Fhuair e mach mar an ceudna leis a cheart innleachd gur ann am meadhon Shina a bha ’n cruisgean, agus gach ni mu na seomraichean fo ’n talamh air an d’ thugadh iomradh mar tha. B’ e so a thug air a dhol air an astar mhor air an deachaidh e. Ged a bha fios aige air a cheart aite anns an robh ’n cruisgean, cha robh e ceadaichte dha fhein aon chuid a dhol sios do ’n uaimhe, no ’n cruisgean a thoirt leis. Dh’ fheumadh e ’fhaotainn a laimh duine eile. B’ ann a chum greim fhaotainn air a’ chruisgein da fhein a chuir e eolas air Aladin. Thug e ’n aire nach robh ann an Aladin ach balach gun smachd nach deanadh moran math gu brath, agus shuidhich e gu ’n tugadh air a dhol do ’n uaimhe air thoir a’ chruisgein, agus cho luath ’s a gheibheadh e ’na laimh e bha e suidhichte air Aladin a thiodhlacadh beo a chum nach innseadh e do neach fo ’n ghrein ni sam bith mu ’n doigh anns an d’ fhuair e an cruisgean. (Ri leantuinn). An Dilleachdan Bochd. (Leabhar na Ceilidh.) AN uair a bha mi ’am ghiullan beag, a’ ruith ’s a’ leumadh mu ’n cuairt, ris gach mireadh agus cluich, agus saor o gach cùram, is iomadh deagh chomhairle a thugadh dhomh o mo sheanair fein, a bha ’n a duine ionraic agus glic, air an robh eagal an Tighearna. Cha do chaill e aon chothrom gun a bhi ’sparradh air m’ inntinn oirdheirceas oibre Dhé, agus mìorbhuileachd an fhreasdail sin a ta ’riaghlaidh os ar ceann. Bha e ’deanamh gach strith ’n a chomas chum beachd cheart agus freagarrach a thoirt domh air caoimhneas agus cùram an Ti bheannaichte sin a ta ’stiùradh na cruitheachd le cumhachd agus le gliocas neo-chriochnaichte; agus thug e dhomh iomadh samhladh agus eiseimpleir am measg chùisean an t-saoghail, chum m’ inntinn fein a lionadh le h-ùmhlachd d’a thaobh-san a tha ’buileachadh shochairean gun aireamh air na h uile. An sin, dh’ aithris e dhomh gu sonraichte aon sgéul beag nach di-chuimhnich mi gu bràth. Bha ’n sgéul sin mu dhilleachdan òg a bha comharraichte a thaobh na h-aoise aige, air son an eólais a fhuair e air ceòl. Bha tuathanach àraidh ’s a’ choimhearsnachd aig an robh dithis mhac, air an do bhuilich e deagh fhòghlum, le bhi ’g an cumail gu riaghailteach ’san sgoil. An déigh aireimh bhliadhnaichean a dhol seachad chaochail an athair, agus shuidhicheadh am mac a b’ òige ’s an tuathanachas an àite athar fein, agus thug am mac bu shine na h-Innsean air a dh’ iarraidh an fhortain. Air fearann an tuathanaich so bha duine bochd a chòmhnuidh ann am bothan beag, suarach, maille r’ a mhnaoi, d’ an robh mòr-spéis aige, agus aon bhallachan mic, a bha mar dheò-greine aig a pharantaibh fein. Cha robh e cuig bliadhna a dh’ aois an uair a sguabadh air falbh ’athair agus a mhathair ann an aon là, le droch fhiabhrus a bha ’s an àite. Uime sin dh’ fhàgadh am brogachan bochd ’n a dhilleachdan truagh, aonaranach, gun charaid agus gun chuideachadh ’s an t-saoghal! Air da, mar so, a bhi gu tur gun chàirdean agus gun luchd-dàimh anns an t-saoghal, gheall an tuathanach duais shonraichte do sheann mhnaoi ’s a’ choimhearsnachd, air chùmhnant gu ’n ghbhadh i cùram dheth le thoirt gu bhi maille rithe fein. Ann am beagan bhliadhnaichean an deigh sin, chaidh an seann bhoirionnach so, air an robh an giullan ag amharc mar mhàthair, air slighe nan uile bheò, agus thilgeadh a rìs air an t-saoghal e ’n a óganach a bha meuranta agus dìblidh ’n a phearsa. An sin, ghabh tuathanach ’s a’ choimhearsnachd truas ris, agus ghabh e a stigh d’ a theaghlach e, chum cuideachadh a dheanamh ris ’s a’ bhuachailleachd. Nochd an t-òganach gu ’n robh spéis gun choimeas aige do ’n cheòl, agus is minic a sheas iadsan a bha ’gabhail na slighe a dh’ éisdeachd ris a’ cluicheachd air fidhill gle mhi-shnasmhor a rinneadh leis fein. Bu tearc iad ri ’m faotuinn a bheireadh barrachd air ann an cluicheadh a’ chiùil sin a chleachdadh ’s an dùthaich. Air là àraidh thàinig an tuathanach sin an rathad, aig an robh a’ ghabhail-fhearainn air an d’ fhuair pàrantan an òganaich am bàs, agus bha iongantas mòr air an uair a chual e feabhas a’ chluich aige. Stad e re tamuill ag éisdeachd ris, agus bha toilinntinn nach bu bheag air an ám dha bhi ’g éisdeachd ris. Thug e an sin cuireadh càirdeil dha dol dh’ ionnsuidh a thighe, agus gheall e gu ’n d’ thugadh e dha fidheall, a bhiodh na b’ fhéarr na ’n té gharbh sin a rinn e leis an sgithinn aige fein. Cha b’ e ruith ach leum leis an òganach, gus an d’ rainig e tigh an tuathanaich. An sin chaidh an tuathanach gun dàil dh’ ionnsuidh àmraidh ann an cùil dhuirch ’s an fhàrdaich aige, far an robh treallaich agus greadhchail dhe gach gnè air an druideadh suas air feadh a’ chéile, agus rinn e gréim air seann chobhan anns an robh fidheall air a comhdachadh le dus agus smùir a thionail i ré nam bliadhnaichean a laidh i gun charachadh ’s a’ chobhan sin. Thug e mach an fhidheall, ach bha i gun drochaid, gun téud, gu ’n iuchar, agus a’ tuiteam as a’ chéile a dh’ easbhuidh glaoidh. Bhuineadh i an toiseach do bhràthair an tuathanaich a chaidh do na h-Innsibh. Bha saor anns a’ bhaile a cheangal an fhidheall le deagh ghlaodh. An sin, fhuaireadh teudan, drochaid, cnagan, agus gach ni eile a bha ’dhith air an fhidhill. An uair a rinneadh mar so deas i thugadh i do ’n dilleachdan aoibhneach, agus ghrad-thug e an t-slighe dhachaidh air le mòr ghairdeachas. Ceithir no cuig de bhliadhnaichean an deigh sin, dh’ éirich aimhreit eadar bràthair an tuathanaich agus a mhàighstirean anns na h-Innsibh; agus thàinig e nall thar chuan gu dùthaich a’ bhreith. Bha e ’n a dhuine aig an robh droch ghiùlan, agus droch chridhe. Cha ’n e mhàin gu ’n robh e misgeach agus ana-measarra ’n a chaithe-beatha, ach bha e mar an céudna, ro àrdanach, uaibhreach, agus struidheil ’n a nàdur, agus chaill e deagh-ghean a bhràthar, agus gach neach eile ’san àite, a bhiodh ealamh air càirdeas a nochdadh dha, mar urram da athar fein, d’ an robh mòr-spéis aig a luchd-éolais uile ’s an àite. Bha e stéidhichte air réiteachadh a dheanamh a thaobh codach athar fein, agus thug e a bhràthair air aghaidh gu cùnntas a thoirt seachad air gach ni a dh’ fhàgadh le athair, a’ deanamh mach, do bhrìgh gu ’m b’ esan fein am bràthair bu shine gu ’m buineadh gach eairneis, agus gach ni eile da fein. Bhuin e r’ a bhràthair cho mi-nadurra, cruaidh-chridheach, agus ain-ìochdmhor, ’s gu ’n d’ éirich a luchd-eolais mar aon duine ’n a aghaidh. Ann an ùine ghèarr dh’ ullaich e tigh dha fein, agus phòs e òinseach mhisgeach bhoirionnach cosmhuil ris fein. Chuir e a bhràthair gu lagh air son airgid, àirneis, agus nithe gun àireamh eile, air an robh e ’tagradh còir mar oighre dligheach ’athar fein. Am measg gach treallaich eile dh’ ainmich e an t-seann fhidheall, agus dh’ iarr e a faotainn. Thubhairt a bhràthair ris, air do ’n fhidhill a bhi ’n a cungaidh gun fheum ’s an tigh, gu ’n d’ thug e seachad i do dhilleachdan bochd chum gu ’n ionnsuicheadh e a cluicheadh. Las e ann an dian chorruich an aghaidh a bhràthar, ghrad-chuir e fios air an dilleachdan, agus labhair e ris anns a’ chainnt bu mhiosa a b’ urrainn a theangadh a chur an céill, a cheann gu ’n do ghabh e an fhidheall o ’bhràthair. Air do ’n dilleachdan thruagh a bhi air chrith leis an eagal, labhair e ris gu sìobhalta, ciùin, modhail, agus thubhairt e, “A dhuin-uasail, tha mi ’g iarraidh mathanais, ach cha ’n ’eil e ’nam chomas ath-dhioladh ’s am bith a dheanamh ach an fhidheall a thoirt air a h-ais a ris na d’ ionnsuidh.” “An fhidheall a thoirt air a h-ais a ris! an e a thubhairt thu?” fhreagair am fiadh-dhuine le corruich a’ lasadh na ’ghnùis,—“a thoirt air a h-ais a ris! A chrochaire bhig, am bheil dùil agad gu ’n truaillinn-sa mo mheòir le inneal a laimhseachadh a bha cho fada a’ suathadh ri d’ luideagaibh salach, breun-sa? Cha truaill ri m’ bheò. Gleidh an fhidheall, a bhulgain shuaraich, ach ioc dhòmhsa cuig puinnd Shasunnach an taobh a stigh de thri làithean mar luach na fidhle, agus mur dean thu sin, bheir mi òrdugh seachad do thilgeadh ’sa phriosan.” Chuir an dilleachdan bochd an céill le sùilibh deurach nach robh cuig sgillinn Shasunnach dhe ’n t-saoghal aige, agus uime sin, nach robh e na ’chomas sin a dheanamh. Ach bha ’n duine cruaidh-chridheach do-lùbaidh na ’bhagradh, agus sgiùrs e le feirg am ballachan air falbh, ag éigheach na ’dhéigh mur aontaicheadh e ris a’ chùmhnant a thug e seachad, gu ’m biodh na maoir gun dàil ’na lorg. Dh’ fhalbh an t-òganach gu tùirseach, brònach, agus a’ gal gu frasach air an t-slighe. An uair a bha e ’dlùthachadh r’ a dhachaidh, chomhlaich e bean-uasal a dh’ fheòraich dheth gu caoimhneil, ciod a bha ’cur air? Cha b’ fhad gus an d’ chuir e an céill a sgeul cianail fein o thùs gu céis. Dh’ éisd a bhantighearna cheanalta ris, le cridhe làn truais agus deagh-ghean, agus thubhairt i ris; “Glac misneach, a bhallachain bhochd, glac misneach, agus taghail ormsa am màireach, aig meadhon-là, agus bheir mi luach na fidhle dhuit. An sin, bithidh i leat fein, mar do chuid dhligheach fein tuilleadh an déigh so.” Ghrad-thionndaidheadh dubh-bhròn an òganach gu ceòl agus aoibhneas,—chaidh e mar a dh’iarradh air,—fhuair e na cuig puinnd Shasunnach,—chaidh e na ’dheann-ruith dh’ ionnsuidh an duine fhiadhaich sin a shàruich cho searbh e, agus thilg e an t-airgiod air a bheulaobh. “A nis, ’òganaich gun nàire gun mhodh, teagaisgidh sin do dhleasanas dhuit an déigh so. Is leamsa, a nis, an t-airgiod, is leatsa an fhidheall, ’us thoir do chasan as gu luath, as mo shealladh.” Bha ’n dilleachdan a rìs na bhrogach sona. Chuala gach àrd agus iosal ’s an dùthaich mar a bhuineadh ris, agus dhùisg a chàramh co’-fhulangas nan uile d’ a thaobh. Ghabh aon duin’-uasal araidh tlachd cho mòr dheth, ’s gu ’n do chuir e e dh’ ionnsuidh fir-chiùil ainmeil ’s a’ bhaile-mhòr chum gu ’m faigheadh e fòghlum uaith anns a’ cheòl. Thainig e air aghart cho bras ann an eòlas a’ chiùil, ’s gu ’n do chuir e iongantas airsan a bha ga ’theagasg. Ach an déigh beagan ùine, chunncas freagarrach an fhidheall dhaor aige a ghlanadh, agus a chur ceart, agus chum na criche sin, thugadh a’ chomhairle air an òganach dol leatha dh’ ionnsuidh fir-ealaidh a bha ainmeil air son innealan-ciùil a cheartach- (Air a leantuinn air taobh 5.) [TD 7] [Vol. 11. No. 1. p. 7] Thogainn Fonn air Lorg an Fheidh LUINNEAG. Bheir mi hó air mora hó, Ithill ó air mora hé; Bheir mi hó air mora hó, Thogainn fonn air lorg an fhéidh. ’S miann le breac a bhith ’n sruth cas, ’S miann le boc bhith ’n doire dlùth, ’S miann le eilid bhith ’m beinn àird, ’S miann le sealgair falbh le chù. Cha mhiann bodaich mo mhiann fein, Cha mhiann leis éirigh ach mall; Cha lùb gruagach og na ’sgéith, Tàirnidh e leis fein an t-srann. Nithean sin d’ an dug mi spéis, Is bu mhiann leam féin bhith ’m choir, Gunna glaice air dheagh ghleus ’Dhol do ’n bheinn, agus bean og. B’ e mo mhiann bhith siubhal bheann, Osan teann a bhith mu m’ chois, Brogan iall is gunna cruaidh, Eilid ruadh is cù mu ’dos. B’ e mo mhiann ri latha fuar, Dìreadh suas ri aonach cas, Nuair a chithinn mac an fhéidh, Coin air éill ’s ga ’n leigeil as. Nithean sin d’ an dug mi fuath:— Do mhnaoi luaith ’s do chù bhiodh mall, Do shean daoine nach biodh glic, ’S do mhnaoi bhig nach beireadh clann. Caora chaoile nach tog uan, Gobhar chruaidh aig nach bi meann, Is sean mhart gun laogh, gun bhliochd, B’ fhearr leam bhuam iad sud na leam. Ged fhaighinn bean a chinn bhàin, Air mo làimh bu bheag mo spéis; ’S mor gum b’ fhearr leam a bhean donn ’Bheireadh trom ghaol dhomh le céill. Nighean Uilleim anns a ghleann Bean a b’ annsa leam fo ’n ghréin; ’S nam biodh Uilleam ann am Blàr Gheibhinn-sa mo ghràdh dhomh féin. Mo cheist air bean a chinn duinn, ’S docha leam i ’n diugh na ’n dé; ’Mheud ’s a chuala mi de ’cainnt, Gur h-i b’ annsa leam fo ’n ghréin. Tha cuid ag radh gur h-e Para Mor Caimbeul a rinn an t-oran so, agus gun teagamh sam bith tha e coltach ri ’obair. Bha Para Mor na ’bhàrd math, mar a chithear o fhear de ’chuid oran a tha ann am Mactalla nan Tur. Fhuair mi an seathamh ceathramh bho sheana mhnaoi sa bhliadhna 1876, agus tha e làn chinnteach gun d’ ionnsaich ise e cho trath ris a bhliadhna 1812. Mur a freagair na facail “nach beireadh clann” ann an làthair nan uaislean modhail, firinneach, onarach, neo-fhéineil a tha ann an diugh faodar an atharrach gu aig nach biodh clann. Ann an ceàrnachaibh ’sa bheil e cleachdte a bhith ’g altrum cloinne air an t-slios faodar an t-sreath mu dheireadh ’fhàgail mar so, Is do shlios nach altruim clann. So mar a gheibhear an ceathramh uile ann an leabhraichean:— ’S nithean sin do ’n dug mi fuath, Bean luath is cù mall, Oighre fearainn gun bhith glic, Agus slios nach altruim clann. Tha ’n darna sreath tuilleadh is goirid. Air son na tha de dh-fhios agamsa faodaidh na sreathan eile a bhith mar a chaidh an deanamh. SEAMRAG. Slan le Gleanndaruail. Rinneadh an t-oran so anns a bhliadhna 1837 do dh’ oganach a mhuinntir a’ Ghlinne a bha dol do dh-Australia, le Iain Mac-na-Ceardadh. Dh’ eug Mac-na-Ceardadh ann an Eilean a’ Phrionnsa. Slàn le beanntan an fhraoich Dhosach, ghucagach, chaoin,— Badan suaicheantais dheadh Chloinn-Domh’uill,— Le shugh meala is céir, Is ga ’n sàsach’ dheth fein le sogh; ’S a toirt fasgaidh ri fuachd Do chaoraich ’s do dh-uain, ’S do na cearcagan ruadh an lon. ’S le Gleanndaruail mo chridh’, Rìgh gach gleann tha ’san tir! Far an d’ àraicheadh mi bho m’ oig— Gleann nan coilltean ’s nan raon, Gleann nan glacag ’s nan craobh, Gleann nan aighean, nan laoigh, ’s nam bo; Gleann nam bradan, ’s nan grìs, Gleann nan cama-lùba mìn, Gleann is pailte ’san cinn gach por! Far am binne na h-eoin, Far an grinne na h-oigh’n, ’S iad gu ceileireach, ceolmhor, coir; Modhail, beusach, gun ghruaim, Teisteil, cùirteil, grinn, suairc’, Tuigseach, foghluimte, stuaim, gun phrois; Dreachail, meachair, gun mheang, Ann am pearsa ’san cainnt, ’S iad deas, rosail, gun sgraing, gun sgleo. A’s na fleasgaich is àill’, Foinnidh, fearail, làn bàigh, Uasal, smiorail, air sràid ’s aig mod; ’S iad àrd-inntinneach, dian; ’S anns an tir am mor miadh— ’S iad a sheasamh gun fhiamh a’ choir! ’Rachadh foirmeil gu strith, ’Bheireadh naimhdean fo chis, Is nach géilleadh gu siorruidh beo. Mu ’n cuir gleanntan ma ’n cuairt Dhiubh cranndachd an fhuachd, Bidh Gleanndaruail nam buadh na ’ghloir; Bidh chraobh-ubhal fo bhlàth, Bidh an duilleach aig ’fhàs, ’S ceileir cuthaig an sgàth nam frog; ’S Mac-Gilleain le ’phiob, ’N àm na gréin bhi ’dol sìos, A’ toirt fuaim as an tìr le ’cheòl. Achaidh-teangain an àigh, Soraidh slan leat gu bràth! ’S leis gach neach a tha ’tàmh air d’ fhoid; Slàn le cuideachd mo ghràidh, Slàn le m’ athair ’s le m’ mhàth’ir, Slàn le m’ pheathraichean bàigheil, òg; Slàn le m’ bhràithrean gu léir, Slàn le m’ chàirdean ’s luchd-spéis, Slàn le uiseag nan speur ’s a ceòl! ’S eiginn dòmh-sa nis triall, ’Dh-fhàgail dùthaich nan triath, Nam filidh nan cliar ’s nan seòid; Na h-earba, ’s an fhéidh, Agus iolair nan speur, Na h-eala, nam peuc, is nan còrr; Nan sìthean, ’s nan cruach, Is nan dùn, is nam bruach, Nan doire, nan cluan, is nan cos. Ged tha ’n dùth’ch so lan bhuadh, ’S iomadh diomb ’tha rith’ fuaight’,— Cha chum ceileir na cuaich rium lon,— Tha na fearainn ro dhaor, Is na tuarasdail saor, ’S cha ’n ’eil farraid air saothair dhaoin’ og; Ach tha siùil ris an long ’Tha gu m’ aiseag thar thonn, Gu Australia, fonn an fheoir. Sud mar Chaidh an Cal a Dholaidh Sud mar chaidh an càl a dholaidh, Laidh a’ mhin air màs a’ choire; Sud mar chaidh an càl a dholaidh, Air na bodaich Ghallda. Air dhuinn greis air gabhail oran, ’S tacan eil’ air sgeulan gorach, Chuir Rob Cam a phiob an ordugh, ’S thoisich cuid ri dannsadh. ’Stigh oirnn thainig bean-an-taighe Leis gach té a bha aig baile, Nighean og is seana chaillich, ’S iad a’ togradh dannsadh. Rug MacRaing air té bhig chlannaich, Ghabh mi féin rium bean-an-tighe, ’S am prioba sùl bha té an achlais H-uile fear a bh’ ann dinn. ’S ann an sin bha ’n scraighlich shunndach Cur nan car dhinn air an ùrlar, Feadan piob a’ spreigeadh sùrd oirnn ’S dosan mora dranndan. ’Nuair bha ’n ùpraid dol ’na déinead, ’S caitean ’g éirigh air na déilean, Rainig fear-an-taighe fhéin Le buidhinn bhodaich Ghallda. Leithid a dh’ othail shios an staidhir, Iadsan direach bhar an fhaidhir, Gairm gu crosda air na mnathan, ’S b’ uamhasach an greann orra. Air an claoidh le sgios is acras, Fad an latha gun dad aca, B’ olc an ni air tighinn dhachaidh ’N càl a bhi air chall daibh. Throd am fear ri ’mhnaoi gu sgraingeil, Fhreagair ise cheart cho searbh ris, “’Bhodaich mhùgaich cum do theanga ’S caisg air ball do dhranndan. “’S beag orm thu, a bhodaich ghrànnda, Seach bhi cleasachd measg nan Gàidheal, Ceol na pioba, cainnt na Gàidhlig! Siod iad riamh a b’ anns’ leam!” Sud mar chaidh an càl a dholaidh, So mar chaidh an càl a dholaidh, Laidh a’ mhin air màs a’ choire ’S bean-an-taighe ’dannsadh. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. [TD 8] [Vol. 11. No. 1. p. 8] Oran A rinneadh air Iain Mac-Cola ’sa bhliadhna 1828, leis an Dotair Mac-Lachainn an Ra-thuaidhe. Is ann tha ’n cridhe spiocach Nad chliabh a steach, ho raithill ó. A chòtain duibh, o hao-ill-ein, ’S a thriùsair ghlas, ho raithill ó. Tha t’ aodann mar am miaran, A bhlianach bhreac, ho raithill ó. ’S e ’n t-or a bha ’san laoicinn ’Chuir daoine as, ho raithill ó. ’S e or na seiche ruaidhe Bha bhuait mar mhath, ho raithill ó. Nan cailleadh tu chlach-bhuadhach Bhiodh t’ uain gle thearc, ho raithill ó. Nam faighteadh air an tràigh thu An àite staimh, ho raithill ó, Gum bitheadh fear no dha ann A ghàireadh ’mach, ho raithill ó. Mo mhallachd fein thar chàcha Ri d’ là bhith leat, ho raithill ó. An uair a thig an t-eug ort ’S leam féin gur math, ho raithill ó. ’N sin cuiridh sinn air déil’ thu Le d’ léine bhric, ho raithill o. Is togaidh sinn air comhl’ thu, Is comhlan leat, ho raithill o. Bheir sinn dhuit togail uallach Air guaillibh fhear, ho raithill o. Bheir sinn thu ’Chille-Chòmhain An comh’r do chas, ho raithill o, Is cuiridh sinn ’san uaigh thu ’S ’chlach-bhuadhach leat, ho raithill o. Cha bhith ann gal nam pàisdean No gàirich bhan, ho raithill o. Cha bhith ann bantraich ’s truaghain A bualadh bhas, ho raithill o. An uair théid spaid de ’n ùir ort Bidh ’n dùthaich glan, ho raithill o. Cha déid dad eil’ air t’ uachdar Ach buarach mairt, ho raithill o. A chaoidh cha chinn an neoinein No ’m feoirnein ort, ho raithill o. ’S cha mho a bhios an t-sobhrach A choir do lic, ho raithill o. Cha chinn ach foghnain ’s deanntag Bho d’ chnaimhnic ghlais, ho raithill o. Bhiodh an t-oran so uamhasach nan robh Mac-Cola marbh, ach bha e beo, agus bha Mac-Lachainn ag iarraidh a thoirt gu aithreachas. Ma bha ’m bàrd a dol a chur buachar mairt air an uaigh aige ’s coir dhuinn a chumail na ’r cuimhne gur h-ann air togail is a creic mhart a rinn Mac-Cola a chuid airgid, agus gun do chuir e daoine, mnathan is clann a ’n cuid chroitean gu crodh is caoirich a chur na ’n àite. Rugadh Iain Mac-Cola ann an Aird-nam-murchann ’sa bhliadhna 1774. Fhuair e air adhart gu math anns an t-saoghal. Bha baile Mhioghairidh aige air mhàl, agus a bharrachd air a bhith na ’thuathanach cothromach bha e na dhrobhair soirbheasach. Bha e na ’dhuine onarach, agus bha moran meas aig sluagh air. Bhiodh e daonnan air a sgeadachadh gu math. Gle thric bhiodh cota dubh air, triùsair ghlas, agus ad bheabhair. ’S e Mac-Cola Liath an t-ainm bu trice a gheibheadh e bho shluagh. ’S e ’s docha mar sin gun d’ fhàs e liath car tràth. Bhuineadh Aird-nam-murchann, no co dhiu cuid de ’n dùthaich, do Shir Alasdair Moraidh an Stanhope. ’Sa bhliadhna 1828 bhagair an t-uachdaran sin na croiteirean a bha am bailtean Sginid, Choire-Mhuilinn, Bhuarbhlaig, agus Thòrna mòna a chur air falbh. Bhiodh mu shia teaghlaichean fichead ann uile, agus bha iad beagan air dheireadh ann am pàigheadh a mhàil. Bha coinneamh air a cumail eadar iad fhein agus baillidh Shir Alasdair ann an Cille-Chòmhain. Bha fear Mhioghairidh, no Mac-Cola Liath aig a choinnimh. Thubhairt e ris na croitearan nach ruigeadh iad a leas eagal sam bith a bhith orra gun rachadh an cur air falbh. Gheall e dhaibh cuideachd gum bruidhneadh e-fhein ris a bhaillidh as an leith, agus gun deanadh e na b’ urrainn e air an son. Bha coinneamh dhiomhair air a cumail eadar e-fhein ’s am baillidh. Nuair a bha crioch air a choinnimh thainig am bàillidh am mach far an robh na croiteirean agus thubhairt e riutha gun dug e na ceithir bailtean air an robh iad a fuireach do Mhac-Cola air mhàl re naoidh bliadhna deug. Ged a bha meas aig na daoine air Mac-Cola roimhe so, thainig e an nis gu bhith na dhuine cho suarach ann an sealladh sluaigh ’s a bha ’san dùthaich. ’S olc an rud an sannt. Cho luath is a fhuair Mac-Cola fearann nan coiteirean fo a laimh sgiurs e an sluagh air falbh. Bha bantrach bhochd ann am bothan suarach leatha fhein, agus dh’ fhairtlich air a cur am mach. Dhùin e a suas an dorus agus an uinneag le clachan, agus thubhairt e ris na daoine a bha comhla ris gum faodadh i an nis fuireach anns an taigh cho fad is a thogradh i. Air an ath latha chaidh e a dh-ionnsaigh an taighe, ann an dochas làidir gum biodh i ullamh gu tighinn am mach, agus gu falbh as an àite. Bha bhantrach beo, ach bha i as a ceann, agus dh’ fhuirich i mar sin gu latha a bàis. Fhuair Mac-Cola air falbh i, agus bha gach cùis an nis mar bu mhiann leis. Chaochail e air maduinn an naoidheamh latha de November ’sa bhliadhna 1843. Thiodhlaiceadh e an cladh Chille-Chòmhain. Tha e air a ràdh nach d’ fhàs ni riamh air uaigh Mhic-Chola ach aon deanntag bhochd agus aon chluaran fann; ach cha d’ fhuirich aon de ’n dithisd oirre ach ùine gle ghoirid; tha i na ’talamh dearg an diugh; co dhiu bha i mar sin bho chionn beagan bhliadhnachan. Thainig fàidheadaireachd an Dotair Mhic-Lachainn gu crìch. Thug mise seachad eachdraidh Iain Mhic-Chola mar a fhuair mi i. Cha ’n urrainn mi a dhearbhadh gu bheil gach facal d’ i fior, agus cha ’n fheil mi ag ràdh gu bheil; ach gus am faigh mi fiosrachadh nach h-fheil agam feumaidh mi leanachd ris a bheachd gun do thachair gach ni a dh’ ainmich mi. Rinn Iain Mac-Cola droch obair, ach bha iomadh duine eile anns a Ghaidhealtachd a rinn obair a cheart cho dona ris, agus bha cuid ann a rinn obair na bu mhiosa. Nach muladach an gnothach gum biodh daoine fo uachdarain. Cinnteach tha ’n t-àm aig Breatann air an fhearann a ghabhail na laimh fhein agus air a roinn am measg sluaigh a ni feum dheth. Cha ’n fheil na h-uachdarain na ’n neart do’n dùthaich. Ge math féidh is crodh is caoirich is airgiod, is e saighdearan sgairteil, duineil moran a’s fhearr. Ach ciamar a theid saighdearan a thogail ann an dùthaich mur faigh sluagh fearann gu còmhnuidh a ghabhail air, agus fearann nach bi fo uachdarain. Tha saighdearan math againn an Canada, ach ma tha cha ’n ann an cùiltibh, an toit, ’s an salchar nam bailtean móra a chaidh an àrach. Thogadh iad air fearann a bhuineadh do ’m pàrantan, agus air an robh uisge glan ag éirigh no a ruith agus gaoth fhallain a séideadh. Cha ’n fheil cogaidhnean Bhreatainn seachad fhathasd. Cha ’n fheil i cho laidir air a casan ’s nach faod i tuiteam. Ma tha i glic roinneadh i a cuid fearainn air sluagh a ni feum dheth is a thogas suas clann a bhios modhail, measarra, foghainteach tùrail. Dona is mar a bha Mac-Cola cha robh e ach mar a cheadaich luchd-riaghlaidh Bhreatainn a bhith. SEAMRAG. Is ann againne a gheibh thu na Gloineachan Sula a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’N AR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 9] [Vol. 11. No. 2. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 25, 1902. No. 2. Suiridhe a’ Mhadaidh-ruaidh; NO ’SI ’N ONOIR A BHEIR BUAIDH. SGEULACHD A REIR NOS NAN SEANN SGEULACHDAN GAIDHEALACH. (Air a leantuinn.) BHA sùil a’ choin daonnan air an tigh san robh a nàmhaid, agus dé chunnaic e aig an àm ach gu ’n d’ fhàg an cat an dorus fosgailte na ’déigh, agus ghrad leum e a stigh, a’ deanamh dheth gum biodh a nis aicheamhail aige a dh’ aindeoin có theireadh e—ach cha robh an sionnach cho cearbach ’s a shaoil e. ’Nuair thuig e mar bha a’ chùis thilg se e féin air a dhruim, stiorc e a chasan, thionndaidh e a shùilean, ’s rinn e caoirean bochd, dìreach mar gum biodh e dol a thilgeadh na h-analach. “Och! och! a charaid,” thuirt esan ris a’ chù, ’s e ’g ospagaich mar gum bi h-uile té an té mu dheireadh, “tha do leòir aicheamhail agad a nis; tha mi ’g iarraidh mìle mathanais ort airson na h-uile droch car a rinn mi t’aghaidh—abair gu bheil thu a’ toirt mathanais domh, ’s bidh e na ’fhaochadh mòr do m’ choguis mu’n toir mi suas an deò.” Bha ’n cù coir diombach ni’s leòir, ach cha chuireadh e fiacail air a nàmhaid bu mhiosa ’s e na ’leithid do chàs; agus ’s e thubhairt e, “Na cuireadh sin cùram ort; ach ciod is urrainn domh a dheanamh chum do leigheas? tha thu ann an iarguin mhòir.” “Och! tha mi ga ’m losgadh leis a’ phathadh,” ars’ esan, “nam faigheadh tu balgam dibhe dhomh bhithinn a d’ chomain gu siorruidh—O! dé so a dh’ éirich dhomh? dé so? dé so? Tha toll beag—tha toll beag—ach cha ’n urrainn mi labhairt—tha toll beag thall san oisinn anns a’ bheil uisge—cuir do spòg ann agus fliuch mo bhilean air a’ chuid is lugha.” Rinn an cù coir mar so, ach cha luaithe bha a spòg san toll na tharruing an sionnach sreang air an robh lùb-ruithe anns an toll; cheangail e gu cruaidh teann e mu tharuinn a bha ’sa bhalla, ’s bha ’n cù an sàs ann an rib nach b’ urrainn da fhuasgladh. “Beannachd leat!” ars’ an sionnach, “cha bhi thu co ealamh air do chois a chur an toll an ath uair.” An déigh do ’n t-sionnach feitheamh gus an robh e ’smuainteachadh gum biodh an cat air a deagh bhruicheadh, agus a bheithir-sgiathach na ’suain, chaidh e thun na h-uamha agus rinn e cagar fòil ris an nighinn. “Thig a nìos, a rùin,” thuirt ise, “tha h-uile gnothuch ceart, agus bidh sinn sona ann an ùine ghoirid.” Leum an sionnach a stigh do’n chroidhleig, tharruinn ise ’n t-sreang—ach beagan mu ’n d’ ràinig e ’n uinneag, chuir i mach a spòg mhòr, agus an toiseach shlìog i druim an t-sionnaich, an sin shlìog i ’earball, agus mun robh fhios aige ciod a theireadh e ris a’ chnìodachadh so uile, thuit a’ chroidhleag gu làr; ach ma thuit cha do thuit an sionnach—bha sreang gu cruaidh, gramail, teann mu ’earball, dìreach mar a chuir esan mu chois a’ choin, agus e ’n crochadh air aodann na creige, gun chomas dol as. Cha do thaitinn so ris gu ro mhaith, oir cha ’n ’eil na sionnaich toigheach air bhi ’n crochadh le ’n cinn fodhpa; ach ’se leòn uile e gu ’n d’ thainig a’ bheithir-sgiathach féin a mach, gu ’n do chruinnich beathaichean a’ bhaile uile mu ’thimchioll, agus gu ’n d’ innis a’ bheithir mhór dhaibh mar thachair, agus an doigh anns an d’ thug i an car as an t-sionnach le ’chleasan féin; dh’ innis i nach robh mac no nighean aice, ’s gur h-ann oirre féin a bha ’n sionnach a’ suiridhe airson an airgid. Dh’ innis i mar a thairg e ’dheanamh mu ’n chat—“agus faicibh a nis c’àit a’ bheil e, an suiridhiche gasda le ’chleasan ’s le ’chuilbheartan,” ars’ a bheithir-sgiathach, ’sa cliathaichean air chrith le gàireachdaich. Cha robh beathach air nach robh craos càm mu ’n mhadadh-ruadh, agus thug gach aon an greis féin air fochaid air. Thainig an cù an déigh an t-sreang a bhristeadh, ’s cha b’e a ghàire bu lugha no a dhi-moladh a b’ ìsle. Mu dheireadh ’s mo dhiù nuair a bha ’n sionnach air a léireadh ’s air a leòn le ’n sgeigireachd, chuir e a chasan-deiridh am forcadh ris a’ chreig—thug e aon spaghadh garbh le ’uile neart, agus leum e gu làr, ach cha do lean ’earball e: dh’ fhan sin an crochadh ris a’ chreig. Theich e cho luath ’sa bheireadh a chasan e—thàrr e as a dh’ ionnsuidh a’ chùirn bu dlùithe. A nis nam biodh an t-earball na bu rìghne, bhiodh an sgeulachd so na b’ fhaide, ach o nach robh sguiridh sinn le beagan fhacal. Ghabh a’ bheithir-sgiathach chòir deagh chùram de ’n chat. Dh’ innis i dha cho fiachail, dhileas, fhirinneach ’s a bha ’n cù. Bha ’n cat mu ’n do mhealladh i leis an t-sionnach, toileach air companach onarach, ’s cha b’ fhada gus an d’ rinn i féin ’s an cù a’ bhanais; agus b’i sin a’ bhanais ghleadhrach, aighearach. B’i ’bheithir-sgiathach féin a’ mhaighdeann. ’Nuair a dh’ òl iad deoch-slàinte bean-na-bainnse thuirt am fleasgach, “A chuideachd uile tha ’m làthair, seachnaibh goileamas na pioghaid, gu sònruichte sannt agus carachd an t-sionnaich; leanaibh firinn agus onoir, dìlseachd agus tréibhdhireas, a chum gu ’n éirich gu math dhuibh. “Bheir fìrinn agus onoir buaidh Air cuilbheartan a’ mhadaidh-ruaidh.” Dh’ fhalbh an t-àm san robh a leithid so de sgeulachdan cleachdta am measg nan Gàidheal, agus ged a dh’ fhaodar cur-seachad ùine ’s fearr na iad fhaotainn their sinn mu ’n deidhinn gu bheil iad a’ teagasg fhìrinnean feumail ann an cainnt shnasmhor; agus gum bu bhrìoghmhor math iad chum an oidhche gheamhraidh a chur thairis, seach na naigheachdan faoine, breugach, tuaileasach, mì-runach, ris a’ bheil ar luchd-dùthcha a nis gu minic ag éisdeachd ’nuair tha iad air chéilidh. Tha na pioghaidean a’ fàs na ’s lionmhoire bho ’n a sguir na sgeulachdan; tha iad anabarrach lionmhor am measg nan Gàidheal—luchd-trusaidh agus luchd-sgaoilidh gach sgeòil fhaoin; ach nitear am beatha le ìomadh aon a tha fada ’n aghaidh seann sgeulachdan agus dàna na Gàidhealtachd, ach a tha anabarrach déigheil air sgainneal dùthcha. [Tha an sgeulachd bhòidheach so air a toirt á Cuairtear nan Gleaun. Is aon de sheann Sgeulachdan na Gàidhealtachd i, air a h-ath-sgriobhadh ’s air a leasachadh leis an Ollamh Urramach Tormad Mac Leoid.] An t-Olla Deorsa M. Grannd. THA Alasdair Mac Ghilleasbuig ag ionndrainn nach robh anns a MHAC-TALLA ach iomradh fior ghoirid air bàs an duine chliùtich sin nach maireann, an t-Olla Deòrsa M. Grannd. Tha mi ’m beachd gur e a b’ aobhar da sin gach neach aig a bheil comas sgriobhadh an Gàilig a bhi ga ’fhaotainn fhéin neo-chomasach air ceartas a thoirt do ’n chùis. Ach ’s fhearr ionnsuidh a thoirt air beagan a ràdh na a bhi tosdach buileach. B’ airidh Mr. Grannd air gum biodh a chliù air a chur an geill an cainnt bhlasda nam beann oir bu Ghaidheal e gu ’chul. Rugadh e ’s fhuair e ’àrach, agus a cheud chuid de ’fhoghlum an Siorrachd Phictou an Nobha Scotia. An deigh sin chaidh e null do dhùthaich a shinnsre far na chuir e tuilleadh ri fhoghlum ann an Ard Oil-thigh Ghlaschu. Nochd e aig an àm sin àrd-bhuadhan inntinn a bhi air am buileachadh air. Ghabh àireamh de phriomh dhaoine a bhaile beachd air mar dhuine òg gealltanach. Am measg chàich bha meas nach bu bheag aig an duine ainmeil sin an Dotair Tormod Mac Leoid air. Thuig an t-Olla Leodach gu ’n robh rud anns a ghille òg á America a thigeadh ri ùine am follais. Is ann an Glaschu a fhuair e cead searmonachaidh. Goirid an deigh dha sin fhaotainn thill e air ais do ’n dùthaich so, agus ghabh e gairm bho choithional beag na h-Eaglais Chléirich am Baile-Sheorais, E. P. I., far na shaothraich e le mor dhùrachd re beagan bhliadhnaichean. As a sin chaidh e gu Abhainn Eoin, coithional beag an siorrachd Phictou. Ach cha b’ urrainn e bhith ’n cleth; ged nach d’ iarr e fein ni àrd thainig ni àrd da ionnsuidh. Chuala coithional St. Matthew á Halifax, iomradh air ministeir òg Abhainn Eoin, agus chuir iad cuireadh da ionnsuidh e thoirt searmon daibh ’s iad gun mhinisteir suidhichte aig an àm ud. Air ball thuig iad gum b’e sud an duine air an son-san. Fhuair e gairm aontachail, agus bha e air a shuidheachadh an sin ’sa bhliadhna 1863. B’ e sin latha an àigh, cha b’ e mhàin do choithional St. Matthew, ach mar an ceudna do ’n bhaile gu h-iomlan. Chuir e ghuala le uile neart ris an obair a thugadh dha ri ’dheanamh. Thug e làmh chuideachaidh do gach aobhar math, eadhon gach ni bha chum leas an t-sluaigh, gu tìmeil no gu spioradail, na eaglais fhein agus ann an co-cheangal ri [TD 10] [Vol. 11. No. 2. p. 2] eaglaisean eile. Chuir e seachad ceithir bliadhna deug de ’bheatha ann a Halifax. Anns a bhliadhna 1877 fhuair e cuireadh gu bhi na Phriomh-fhear-teagaisg an Oil-thigh na Ban-righ am Baile-an-righ. Bha cùisean am measg a cheile gu dona nuair a ghabh Mr. Grannd an dreuchd ud os laimh. Theireadh cuid gu ’n robh e gòrach eaglais St. Matthew fhàgail, gu ’n robh e amaideach dha a làmh a chur air ni a bh’ ann an obagan a bhàis. Ach an àite am bàs fhaotainn eadar a lamhan, mar bha dùil aca sud, ’s ann a dh’ ath-bheothaich an colaisde suas fo altrumas an Olla Ghrannd gu neart, maise agus feum nach robh aige riamh roimhe. B’ e an t-Olla Grannd a rinn sin, ach cha b’ ann gun chosgais agus gun saothair bodhaig agus inntinn. Tha ’n diugh Oil-thigh na Ban-righ am measg priomh àitean foghlum na dùthcha. Bha ’n t-Olla Grannd na dhuine caoimhneil, blàth-chridheach, fialaidh. Bha a dhachaidh fosgailte agus a bhòrd sgaoilte do ’n choigreach agus do ’n fheumach. Cha ’n fhaiceadh e neach sam bith an càs gun fuasgladh air na ’m biodh e na ’chomas. Bha e air leth caoimhneil ris na foghlumaich, cha ’n ann a mhàin nuair bha e-féin air ceann colaisde, ach roimhe sin mar an ceudna. Tha cuimhne mhath agam air caoimhneas Mhr. Grannd ré bliadhnachan mo chuairt ann a Halifax, agus cha mhise mhàin aig a bheil cuimhne air a sin, ach gach gille òg a chaidh troimh chùrsa colaisde fad nan ceithir bliadhna deug a bha e anns a bhaile sin. Tha mi cinnteach gu bheil cuimhne aig Alasdair Caimbeul (mac Ghilleasbuig) nuair bha mise ’s e-fhein air aoidheachd fad seachduin an tigh an Olla Ghrannd am Baile-an-righ. Cha do dhi-chuimhnich mise riamh an caoimhneas a nochd e-féin agus a bhana-chompanach shuairce dhuinn aig an àm ud. Tha iad le chéile air dol a null. Bha iad gràdhach na ’m beatha, agus cha do dhealaich am bàs iad ach ùine bheag o chéile. Tha ionndrainn air an Olla Ghrannd ’san Eaglais Chléirich an Canada, agus bithidh an da latha so. Tha aon an deigh aon de reultan soillseach na h-iarmailt a dol á sealladh gu bhi dealradh leis an tuilleadh soluis air an taobh eile. Dhuinne tha ’n oidhche ni ’s duirche as an aonais; ach cliù a bhi do ’n Ti tha riaghladh agus aig a bheil na reultan na ’laimh dheis, cha ’n fhàg Esan aobhar fhein gun reul-iùil. Tha reultan eile ag eiridh an àite na tha dol fodha. C. C. E. P. I., Iulaidh 10, 1902. Iain Mor nan Ord. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. IX. SEANN CHARAIDE—BIADH UR IS SEANN AODACH—TUS NA CRICHE. BHA na companaich greis nan suidhe air an tolman ghorm os cionn na féithe, a bruidhinn mu ’n chaiptean Shasunnach, air a chuirm, ’s mu iomadh ni. Cha robh fios aca gu ro mhath c’àite ’n rachadh iad ’san àm, no dé dheanadh iad gus an ùine chur seachad gus an tigeadh Diordaoin. Os cionn gach ni bha ’n t-acras orra, oir cuiridh esan e fhein an géill na àm, ciod air bith air am bi ’n inntinn an geall, ’s gu h-àraidh ni e sin gu làidir an cuim fhallain Ghàidhealach a bhios a siubhal na mòintich ghairbh, ’s fàileadh an fhraoich a fàilteachadh a chuinnein air aon taobh ’s tuinn luasganach a chuain an iar air an taobh eile. B’ e so a cheist a chuir iad ri chèile an uair a chunnaic iad a ghrian a cromadh le cabhaig: “C’àit’ an cuir sinn seachad an oidhche?” “Na cuireadh sin cùram oirbh, fhearaibh,” arsa guth cridheil lamh riutha, “ged nach ’eil Iain Mòr nan Ord ro fhurasd’ fhalach, tha dionàit’ agamsa anns an toill e, cho mor ’s gu bheil e.” “O, buaidh ort, ’Illeasbuig! an tu th’ ann?” ars’ Iain Mór, ’s e breith air laimh air an duineachan bheag a bha nis air am beulaobh, ’s ga ’fàsgadh gu cridheil. “Obh! obh!” arsa Cas-an-t-siubhail, ’s na deòir a tighinn o shùilean leis a chràdh, “cuimhnich nach coltair stàillinn mo lamh-sa idir, Iain. Cha ’n fhaigh mi mo mheòirean o chéile gu bràth; rinn thu aon mheur orr’ uile!” Bha gnùis Ghilleasbuig a dearrsadh le toileachadh, ged a bha na briathran tiamhaidh so na ’bheul. ’S e troich a bha ’n Gilleasbuig, agus ged a theireadh daoine gu ’n robh car no dhà ga ’dhìth, bha e gu math teòma agus gleusda na ’dhòigh fhéin. Mar is tric a bhios a leithid, bha e cho spaideal ri coileach Frangach, agus cho dìreach ri snathaid mhòir, airson na dh’ fhaodadh e dheanamh de ’n bheagan òirleach a bh’ ann. Mar a dh’ ainmicheadh an àit’ eile bha Gilleasbuig daonnan air an fhalbhan, agus mar sin b’ ainneamh fear ’san dùthaich a bha cho fior eòlach air gach beinn is baile, air gach rathad is frith-rathad ri Cas-an-t-siubhail. Ach a dh’ aindeoin dé cho fad ’sa shiubhladh Gilleasbuig, cha robh mor mheas aige air neach beò ach air Iain Mòr nan Ord na ’aonar; ach dhàsan bha e toirt ion-aoraidh, agus b’ e miann a chridhe bhith air fhaicinn leis a chorr dhe ’n t-saoghal a triall guala ri guala, no guala ri glùin, ri Iain Mor troimh ’n Ghleann Ghorm air feasgar Domhnach samhraidh. Aig na h-amannan so b’ e na briathran bu thrice ri ’n cluinntinn o bhilean Ghilleasbuig: “Mi-fhìn ’s tu fhéin, Iain; mi-fhìn ’s tu fhéin!” B’ ann mar sin gu subhach, aigeannach a leum e air thoiseach air na fir ga ’n stiùireadh do ’n àite ris an canadh e ’dhachaidh ’san àm. Rainig iad cairtealan Chois-an-t-siubhail mu dheireadh ’s e fhein a trotan air thoiseach. Thog an cridheachan ris an uamha ’san robh e tàmh a thaobh a snas. Air a gearradh troimh ’n chreig chruaidh, a leantuinn cuisle de chloich dhearrsaich ghil, is dòcha chaidh a chur dreach air caisteal ’san nàbachd uaireiginn dhe ’n t-saoghal. Cha robh ’n troich fada ’fadadh deagh theine, agus a toirt sliasaid tharbhach caorach á oisinn air choireiginn, ’s ga ’deasachadh gu grinn, sgiobalta. Cha do dh’ fhoighneachd iad dheth am b’e fhein a thog am beathach; oir anns na h-amannan garbha so, cha bhiodh daoine buailteach a dhol domhain ’s na ceistean so ann. B’ ann le toileachadh a fhuair iad a mach nach robh iad fada o Chaisteal an Tuilm Uaine, agus rinn iad suas gu ’n rachadh iad air feasgar air choireiginn, mu ’n tigeadh an latha mor, a dh’ amharc mu ’n cuairt air. Chuir iad an oidhche sin seachad gu seasgair air leaba thaghte de fhraoch mìn, cùbhraidh, le Gilleasbuig. Mar an ceudna fhuair iad a mach bhuaithe gu ’n robh àireamh sluaigh, sean is òg, a còmhnuidh am frògan nan creag, mu leth-mhile as a sid, a bha gu math truagh le cion bidh agus aodach. B’ e seann daoine, mnathan is clann a chuid bu mhotha dhiubh so. Ged a fhuair iad an spréidh a thoirt leotha ann, chaidh an goid leis an nàmhaid agus an creic, a chuid nach do dh’ ith iad, air leth-chrùn an ceann ’san taobh deas. Air an ath latha chaidh na fir a shealltainn air na daoine truagha so. Tuigear dé cho truagh, uireasach ’sa fhuair iad iad, an uair a theid innseadh nach robh ni aca air an deargadh fiacail gun ithe, ’sa chlann bheag an uair a ràinig iad a cagnadh stiallan de chraicinn chaorach gus an teanachdadh agus spàirnean an acrais a chumail sios. Chuir an sealladh truagh so tuilleadh connaidh air teine na feirge a bha gu math beò na ’n cléibh an aghaidh ùghdair an ànraidh ’s na gorta bh’ air feadh nan garbh-chrioch ’san àm, agus an ionad nam bonn rinn iad suas gu ’m feuchadh iad ri biadh is aodach fhaighinn dhaibh so mu ’n caidleadh iad an oidhch’ ud. Gus so a chur an géill thog iad orra an uair a chiar am feasgar a chur deuchainn air na dàin. Bha ’m fortan fàbharach dhaibh, oir an déis a dhol mìle no dha gu bealach àraidh cumhann, troimh ’n robh rathad a ruith gu Caisteal Strath Ghlinn, chual’ iad gàireachdaich is òrain Bheurla agus fuaim a tighinn. Dh’ innis Gilleasbuig dhaibh gu ’m biodh buidhnean de ’n arm dhearg gu math tric a tighinn le spreidh ’s le creich seachad an so, a thaobh na raointean farsuinn, feurach a bha dlùth, gus beathachadh na spréidhe gus an creict’ iad. Faodar innseadh an so gu ’n robh Iain Mòr nan Ord a toirt greis gach latha, o ’n chaidh iad air an allaban na ’n companaich, ag ionnsachadh Eachuinn air a chlaidheamh, agus air gach arm eile bha iad a cleachdadh ’san àm, air chor ’s gun robh e nis a cheart cho ionnsuichte ris fhéin, ged nach robh ’ghairdean cho treun. Na ’n cuideachd bha ’n gaisgeach crion Cas-an-t-siubhail, le ’chlaidheamh beag ’s le ’bhiodaig, gibhtean Iain fhéin ’s na làitheam a dh’ aom ’sa Ghleann Ghorm. Cha do ghluais feachd riamh an rùn naimhdeas gu àr do nach tugadh Gilleasbuig aghaidh air a chur suas mar so, ach Iain Mòr a bhith air thoiseach air. “Thigeadh iad a nis,” ars’ esan, ’s e toirt togail air fhein, “thigeadh iad a nis, feachd Dheòrsa gu léir, is cuiridh mi-fhìn ’s tu fhéin iad, Iain, gu ’n dùlan!” Threoraich an troich iad gu àite cumhann dorcha ’s a bhealach, agus dh’ fhalaich iad gus an tigeadh na creachadairean naimhdeil thun an àite. Chuir an troich e-fhéin gu glic air chùl Iain, ’s le ’shùil bhig bhioraich ag amharc a mach fo achlais an fhuamhaire, cha robh e ao-coltach ri rodan ri taobh leoghain. An ùine ghearr thàinig an spréidh mu ’n coinneamh, ach ga ’n leigeil seachad thionndaidh iad an aire air na buachaillean dearga bha ga ’n stiùireadh. Bha i nis air fàs car dorcha ach cha do chum sin iad gun fhaicinn gu robh eadar leth-cheud is tri fichead fear ’sa bhuidhinn dheirg so. Gun gheilt, gun eagal roimh ’n àireamh, leum an dithis Ghàidheal á dìon air am muin, ’s bha Gilleasbuig ’san fhròig a deanamh de ghleadhraich ’s de dh’ eubhach mhi-nàdarra na rinn cuideachadh mòr le càch ’san t-sabaid a lean. Gu mi-fhortanach air dòigh air choireiginn dh’ fhalbh an claidheamh mòr á dorn Iain air a cheud ionnsuidh gharbh a thug e; b’ ann an sin a bha ’n Gàidheal mor taingeil air son an neart mor a thug Dia dha. Ga ’fhaicinn gun arm na ’laimh, bhrùchd na naimhdean le iolach shubhach mu cheann, ’s fhios aca nis co e, air son crioch aithghearr a chur air. B’ ann an sin a fhuair iad blasad air arm ùr nach fhacas ach ainneamh an caonnaig riamh. Tha e ri ràdh gur geinn dhe fhiodh fhein a sgoilteas an darach. Fhuair Iain Mor an ràdh so fior an oidhch’ ud, oir a cromadh, an uair a chaill e ’n claidheamh, rug e air lurga chaoil air Sasunnach cruaidh gu daingeann, agus ga ’chur mu ’n cuairt os cionn a chinn thòisich e air sùistreadh chàich leis, ann an dòigh a chuir crith is uamhas air na Deasaich. Ann an ùine ghearr bha ’n t-àite cumhann air a thachdadh le dùn gun chli de na naimhdean, ’s na bh’ air chomas gluasad ghuidh iad tròcair agus am beatha chaomhnadh. Fhuair iad éisdeachd. Chaith Iain an t-ablach Sasunnaich air muin an [TD 11] [Vol. 11. No. 2. p. 3] dùin, agus ghabh e na h-airm a thug iad suas. Chaidh an triùir an sin gu obair, agus thug iad gach ball aodaich bhar gach mac màthar dhiubh ach na léintean, agus ga ’n ceangal air eagal gu ’n toireadh iad fios thun a ghearasdain mu ’m faigheadh iad leotha gach ni a réir am miann, dh’ fhàg iad ann an sid iad, far am biodh an càirdean cinnteach am faighinn an la-iar-na-mhàireach. Rinn iad saic air an aodach agus chuir iad air muin nan each Sasunnach e, agus a cruinneachadh a chuid a b’ fhearr de ’n spreidh, thog iad orra gu sunndach air rathad falachaidh eile gu àite còmhnaidh nan daoine truagha. Sin far an robh ghaoir thoilichte, ’s na beannachdan ag iadhadh mu chinn an triùir. Chomhairlich Iain dhaibh, air eagal ’s gu ’m faigheadh na naimhdean iad a rithist, iad gach imrich a thogail, agus gu ’n stiùireadh Gilleasbuig iad mu ’n tigeadh a mhaduinn gu fròg a bhuic ruaidh, àite tearainte anns nach do sheas cas nàmhaid riamh, an cridhe nam beann. A tilleadh gu uamha Cas-an-t-siubhail chaidil iad gun fhiamh gun sgàth gu meadhain-latha. Anns a ghlòmanaich thog iad orra aon uair eile, ’s ghabh iad an t-astar gu seann chaisteal an Tuilm Uaine. Dh’ innis Gilleasbuig dhaibh gach ni air am b’ eòl e fhein dha thaobh. Mar an ceudna dh’ innis e dhaibh far am faigheadh iad bàta gus a dhol mu ’n cuairt taobh na mara gus an t-àite fhaicinn na b’fhearr. Bha iad mu ’n cuairt an t-àite gus an robh e dlùth air meadhain-oidhche, agus an sin an uair a thuig iad gu ’n robh an caisteal air gabhail mu thàmh fhuair iad am bàta, ’s ag iomramh mu ’n cuairt gob an rudha fhuair iad a stigh gun strith. Bha ’n caisteal aosda na ’shuain mu choinneamh an sùilean, agus solus airgiodach na gealaich a dearrsadh air ’sa fàgail an àite da rireadh bòidheach. Bha sàmhchair, a mach o fhuaim uamha nan tonn, a riaghladh mu ’n cuairt, oir bha ’n t-àite air a chunntais cho tearainte ’s nach robh geard ga ’chumail ’san oidhche ann. Ghabh an dithis gu fàillidh mu ’n cuairt, ag amharc le ioghnadh air gach ni. A tighinn thun an taoibh a deas de ’n bhalla mhor sheas iad a cagarsaich ’s an druim ri thacsa. Tha ’n òigridh daonnan buailteach air cumail a gluasad, co dhiubh bhios iad na ’n seasamh, na ’n cadal, no na ’n dùsgadh. Mar sin an uair a fhuair Eachunn a dhruim ris a bhalla bha ’mheòirean air a chùlaobh a cluich ris a chreig, ga ’bruthadh ’s ga ’sgriobadh ’s ga ’suathadh. Am prioba na sùl, ciod a b’ iongantaiche le Iain Mòr na Eachunn fhaicinn le ’aghaidh bhàn a dol as a shealladh troimh ’n bhalla, ’s mu ’n do thàrr e meur a thogail gus a shàbhaladh, chaidh e á sealladh ’s bha ’m balla dùinte mar a bha e roimhe. Fhuair Eachunn le tuiteamas diomhaireachd doruis dhiomhair an aonarain a thog an caisteal, ’s an deigh iomadh ionnsuidh thachair am bad ceudna ri Iain, ’s bha e mach comhladh ri chompanach. Dh’ fhosgail iad e o’n taobh a mach, ’s a cur comharradh air a muigh ’s a stigh thill iad thun a bhàta. Bha iad a smaointean gu ’m faodadh an dorus iongantach so a bhith gu math feumail dhaibh fhathast. “Bha dùil agam,” ars’ Eachunn, “nach robh dorus mar sid ri fhaicinn air thalamh no ’n àit’ eile, ach ann an seann ursgeulan faoine anns an robh mi creidsinn ’nuair a bha mi na ’m leanabh.” Leum na fir do ’n bhàta airson tilleadh do ’n uamha, ach air dhaibh bùirich uamha nan tonn a chluinntinn smaointich iad, o’n bha ’n oidhche cho briagha, soilleir, gun rannsaicheadh iad na sgeapaichean iongantach so. Ghabh iad a stigh gun fhiamh do ’n uamha bu mhotha, ris an cainte uamha nan tonn, a bha tolladh a stigh direach air a chaisteal. Fhuair iad a stigh pios math leis a bhàta, ’s an sin b’ fheudar dhaibh fhàgail le cion uisge, oir bha ’n tràghadh ann. Ghabh iad air adhart ’san dorchadas thiugh iomallach air an glùinean, oir dh’ fhàg iad solus na gealaich na ’n déigh aig a chiad thionndadh a ghabh an uamha. Bha ’n toll a sior fhàs cumhann, gus mu dheireadh nach fhaigheadh Iain Mòr na b’ fhaide. Stad iad greis a bruidhinn mu ’n tilleadh iad, ’s iad a smaointean nach robh rathad air a dhol na b’ fhaide. “A Dhia, beannaich mi!” ars’ Eachunn, “an cual’ thu sid, Iain?” “Ciod a chual’ thu? Cha chuala mise ach onfhadh nan tonn.” “Eisd?” ars’ Eachunn. Chum iad an anail ’s an cluas gu geur ri claisneachd. Air ball thainig osna thiamhaidh, fhann uca air sàmhchair na h-oidhche. Bha ’n osna gu soilleir a nochdadh cràdh cridhe agus inntinn, agus a tighinn, bha iad cinnteach, á fear de sheòmraichean iosal a chaisteal as an cionn ach pios fhathast air thoiseach orra. “A Dhia, beannaich sinn!” ars’ Eachunn a rithist ’s e dlùthachadh ri ’charaid, “ma ’s ann do ’n t-saoghal so a bhuineas an duin’ ud tha e fo throm bhròn.” Thàinig an sin uca na bu shoilleire briathran an cainnt nam beann, air a labhairt mar gu ’m b’ eadh ann am bruaillean fiabhruis. Ged nach do thuig Eachunn na briathran, a thaobh an astair air an d’ thainig iad, chuir iad gach boinne fala na ’chom le ruais na cheann is thainig fallus fuar tromh gach ball dheth, oir dh’ aithnich a chluas, ged nach cual’ e ach aon uair eil’ e riamh, gur e guth Màili na h-uamha a thainig uige ’san àite uamhasach ud, agus shaoil leis gun robh fuaim nam briathran coltach ri ainm fhéin. Gun ghuth a radh ghreas Eachunn air adhart a dh’ fheuchainn an rachadh aige air faighinn na bu dlùithe do ’n ghuth bu bhinne leis. Le spàirn chruaidh tharruinn an t-òganach e-fhein a stigh mu fhichead slat ’san toll, agus an sin fhuair e e-fhein aig a cheann agus as aonais earrann mhath dhe ’chraicionn. Le cridhe cho luath ri slait ann an sruth dh’ eubh Eachunn air an ainm bu toigh leis, agus an ceann ùine—ùine dh’ fhairich Eachunn cho fad ri bliadhna—thainig gu fann, gu math fann, an fhreagairt bu mhiann, dìreach os a chionn. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. ALADIN. CAIB. IV. AN uair a chunnaic an draoidh gu ’n deachaidh a’ chuis ’na aghaidh buileach glan, dh’ fhalbh e an latha sin fhein gu ruige Africa. Ach air eagal gu ’n tachradh neach sam bith ris a dh’ innseadh gu ’m facas Aladin comhladh ris an latha roimhe sin, ghabh e rathad nach b’ abhaist do mhuinntir a’ bhaile bhith ’gabhail. A reir mar a bha cuisean, cha robh coltas sam bith gu ’n cluinnteadh guth gu brath air Aladin. Ach an uair a dhruid an draoidh anns an uaimhe e, dhi-chuimhnich e gu ’n do chuir e fainne air a mheoir a ghleidheadh o chunnart e, ged nach robh fios aig Aladin aig an am gu ’n robh a leithid so de bhuaidh anns an fhàinne. Is iongantach nach do chuir call an fhainne agus a’ chruisgein an draoidh buileach glan as a chiall. Ach tha na draoidhean cho cleachdaidh ri mi-fhortan agus ri cuisean a bhi gu math tric a’ dol ’nan aghaidh, agus mar sin an aite bhith fo dhragh inntinn ’s ann a tha iad a’ cumail suas an inntinnean le beachdan gun fheum. Ach bha ioghnadh anabarrach air Aladin; oir gus a so bha e lan chreidsinn gu ’m b’ e an draoidh brathair ’athar. An uair a fhuair e e-fhein air a thiodhlacadh beo, thoisich e air caoineadh, agus air glaodhaich ri brathair ’athar gu ’n robh e lan dheonach an cruisgean a thoirt dha. Ach cha deanadh a chuid glaodhaich feum. Mu dheireadh, an uair a bha e seachd sgith a’ caoineadh chaidh e sios gu iochdar na h-uamha, an duil gu faigheadh e do ’n gharadh, far an robh solus. Ach bha dorus a’ gharaidh duinte. An sin thoisich e air caoineadh ’s air tuiream, agus shuidh e air ceumannan na staidhreach ’s e lan chreidsinn nach fhaiceadh e solus latha ri bheo. Bha Aladin truagh anns an t-suidheachadh mhuladach so fad da latha, agus e gun ni a dh’ itheadh no dh’ oladh e. Air an treas latha chaill e ’dhochas ri bhith na b’ fhaide beo. Thoisich e air fasgadh nan dorn agus air a radh, “Cha ’n ’eil neart no cumhachd ann an neach ach anns an Dia a tha mor agus ard.” An uair a bha e mar so a fasgadh nan dorn thug e suathadh air an fhainne a chuir an draoidh air a mheoir, agus ann an briobadh na sul dh’ eirich fathach uamhasach mor, agus eagalach ann an cruth, suas as an talamh air a bheulaobh, agus thuirt e ris: “Ciod am feum a th’ agad orm? Tha mise deas gu umhlachd a thoirt dhuit mar do sheirbhiseach, agus seirbhiseach gach neach do ’m buin am fainne a th’ air do mheoir; mi fhein agus seirbhisich eile an fhainne sin.” Nan robh Aladin anns an t-suidheachadh anns am b’ abhaist dha bhith, ’s docha nach b’ urrainn dha freagairt a thoirt seachad leis an eagal; ach bha ’n suidheachadh eagalach anns an robh e fad na h-uine ’bha e anns an uamhaidh dhuibh, dhorcha, an deigh gach eagal a bh’ ann a chur gu buileach as, agus ghrad thuirt e: “Ge b’ e air bith co thu, thoir mise as an aite so, ma ’s urrainn dhut.” Cha bu luaithe thuirt e so na dh’ fhosgail an talamh, agus fhuair e e-fhein anns a’ cheart aite anns na dhealaich an draoidh ris. Bha Aladin car uine an sin mu ’m b’ urrainn e a shuilean fhosgladh gu ceart, an deigh dha bhith cho fada ann an tiugh dhorchadas. An ceann beagan uine dh’ fhas a fhradharc laidir gu leor. Thug e suil mu ’n cuairt dha, agus ciod a b’ iongantaiche leis na gu ’n robh an talamh mar nach fosgladh e riamh. Cha b’ urrainn dha idir a thuigsinn cia mar a thainig e as an t-slochd anns an robh e. Cha robh comharradh aig’ air an aite anns an do thilg an draoidh an tuis an uair a dh’ fhosgail agus a dhuin e an uamha. An sin sheall e uaithe, agus chunnaic e am baile astar mor uaithe, air a chuartachadh leis na liosan, agus dh’ aithnich e an rathad air an rachadh e air ais. An uair a thug e taing do Dhia air son gu ’n d’ fhuair e a bheatha leis, dh’ fheuch e ri dhol dhachaidh mar a b’ fhearr a b’ urrainn da. An uair a chaidh e steach air dorus taigh a mhathar bha e solasach, agus aig a’ cheart am cho fann le cion a’ bhidh, ’s gu ’n do thuit e ann an neul. Bha e uine mhor mar gu ’m biodh e marbh. Thug a mhathair duil gu buileach nach fhaiceadh i a bheo no a marbh gu brath. Ach an uair a chunnaic i e, rinn i gach ni ’na comas a chum a thoirt as an neul. Cho luath ’s a thainig e as an neul thuirt e: “An ainm an aigh, a mhathair, thoir dhomh rud a dh’ itheas mi, oir cha deachaidh ni a thainig troimh uir thalmhain a steach ann am ’bheul o chionn tri latha.” Thug a mhathair dha na bh’ aice ’s an taigh. “A mhic,” ars’ ise, “na biodh cabhag ort ag itheadh do bhidh, air eagal gu ’n dean thu cron ort fhein: gabh beagan an drasta ’s a rithist, agus thoir an aire mhath dhut fhein. A bharr air sin, cha ’n ’eil toil agam a bheag de chòmh- (Air a leantuinn air taobh 14.) [TD 12] [Vol. 11. No. 2. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna $1.00 Sia Miosan .50 Tri Miosan .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IULAIDH 25, 1902. Cairdeas is Comunn is Gaol. BHO ’n chaidh an t-sìth a ghairm, tha na Boerich a’ nochdadh anns gach dòigh a’s urrainn iad gu bheil iad a’ cur romhpa bhi na ’n iochdarain dhìleas do Bhreatuinn. Anns a chogadh chuir am Breatunnach ’s am Boerach eòlas air a chéile nach biodh na ’n comas a dheanamh air dhòigh sam bith eile. Ghabh iad meas air a cheile nuair a chunnaic gach taobh nach robh an taobh eile gu h-iomlan olc, agus cho luath ’sa cheadaich cùisean dhaibh dh’ fhàs iad na ’n càirdean. Bha na Boerich gun teagamh air am mealladh le ’n ceannardan, agus tha iad roimhe so air sin fhaotainn a mach. Cha dean e cron sam bith orra am fiosrachadh sin a bhi aca; bidh meas na ’s fhearr ac’ air uachdaranachd Bhreatuinn a chionn gu bheil muinntir na duthcha sin de dh’ atharrachadh gnè ’s a bha air a theagasg dhaibh-san, agus gu ’n do dhéilig iad riutha air dhòigh cho uasal aig crioch a’ chogaidh. Mur eil sinn am mearachd, tha sìth da-rireadh gu bhi ann an Africa mu dheas, oir tha na Breatunnaich ’s na Boerich deònach còmhnuidh a ghabhail taobh ri taobh ’san tìr, agus a bhi beò an càirdeas, an comunn ’s an gaol. Goliath an Aghaidh Israel! AIR taobh eile dhe ’n àireamh so gheibhear beagan fhacal a tha aig an Highland News ri ràdh mu ’n t-sìth a rinn Breatunn ris na Boerich. Cha chuireadh e ioghnadh oirnn na ’m b’e Pòl Crùgar a bhiodh a’ coimeas nam Boerach ri Clann Israel agus nam Breatunnach ris na Philistich; ach aon de na paipearan a’s Gàidhealaiche tha ’n Alba bhi ga ’dheanamh, tha e na ioghnadh da-rireadh. Ann an dùthaich san robh cothrom aig daoin’ air eachdraidh a’ chogaidh fhaotainn mar bha e dol air aghaidh, tha e doirbh a chreidsinn gu ’m biodh neach sam bith ag altrum nam barailean a tha ’m paipeir ud a cur an géill. Cha ’n fhaodar àicheadh nach deachaidh Breatunn do ’n chogadh gun mhoran eòlais air ciod a bha roimpe—gu ’n d’ rinn a ceannardan airm mearachdan air ’n do dhioghail iad, agus gu ’n d’ fhuair a cuid armailtean tillidhean ris nach robh dùil. Ach faodar àicheadh, oir cha ’n ’eil e fior, gu ’m b’ i Breatunn a thòisich no dh’ aobharaich an cogadh—gu ’n do ghiùlain i i-fein gu neo-uasal anns a’ chogadh, agus nach eil aice air son gach saothair is cosdus fo ’n deachaidh i ach call cliù agus fiachan. Cha do tharruinn Breatunn a claidheamh á truaill gus ’n do bhrist armailt nam Boerach a stigh air a criochan; agus an déigh dha sin tachairt gus ’n do ghairmeadh an t-sìth, bha an cogadh air a taobh-se dheth na bu shaoire bho an-iochd ’s bho mhi-chiataibh na bha cogadh a bh’ ann riamh roimhe; agus nuair a thainig crioch air, bha na cumhachan sìthe a thairg i dhaibh cho fialaidh ’s nach b’ urrainn eadhon a dearg naimhdean air tir-mor na h-Eòrpa gearain orra. Ma loisgeadh taighean is saibhlean nam Boerach, b’ ann air son an cogadh a ghreasad gu crìch, agus tha taighean is saibhlean ùra ri bhi air an togail an àite gach aoin dhiubh. Chaidh deagh chùram a ghabhail de na mnathan ’s de ’n chloinn, ged bha na fir aig a’ cheart àm ’s na monaidhean a’ deanamh cuimse bhàis air gach ceann Breatunnach a chitheadh iad ga ’thogail os cionn cnoic. Tha Breatunn eadhon a pàigheadh air-son gach bàrr is spreidh a thugadh bhar fearainn nam Boerach, ged b’e ’n teaghlaichean fein a dh’ ith iad. Muinntir a chì mi-chiataibh, neo-uaisle agus mi-chneasdachd anns na tùirn sin, tha eagal oirnn gu bheil ni-eigin cearr air sùilean na h-inntinn aca, agus nach biodh e na ’ghnothuch soirbh an cur ceart. Bha sinn dhe ’n bharail roimhe so nach robh moran ann am Breatunn a labhradh air a’ mhodh sin ach Uilleam T. Stead an Lunnuinn, fear nach faca math am muinntir a dhùthcha fein no olc anns na Boerich o’n thòisich an cogadh. Tha sinn fior dhuilich deisciobuil a bhi aige ’sa Ghàidhealtachd. Naimhdeas Nach Diochuimhnichear. FHAD ’s a bha Breatunn a’ cogadh, bha àireamh mhor de phaipearan ’s de shluagh na Gearmailt a nochdadh naimhdeas mor dhi; cha leigeadh iad àm no cothrom seachad gun a bhi ga ’smàdadh ’s a cur sios oirre ’s ag guidhe soirbheachadh d’a naimhdean. Ach o’n sguir an cogadh tha adharc an daimh air tionndadh; tha cuid de dhaoin’ inbheach na duthcha a’ cronachadh luchd a’ chàinidh, ’s ag earalachadh dhaibh a bhi nochdadh barrachd càirdeis do Bhreatuinn ’sa tha iad a’ deanamh. Mar fhreagairt dhaibh sin tha Times Lunnainn, paipeir do nach nòs a bhi ri bruidhinn shearbh gun deagh aobhar, ag radh gu ’m biodh an cronachadh ’s an t-earalachadh sin na bu taitniche le Breatunn nan robh iad air tighinn romh chrioch a’ chogaidh; mar a tha nach eil meas no luach sam bith air a chur orra, ’s gu ’n gabhar iad mar uiread brosguil. Nochd na Gearmailtich gu soilleir an àm a chogaidh am fior fhaireachduin do thaobh Bhreatuinn, agus theid iomadh latha ’s bliadhna seachad mu ’n teid an leigeil air diochuimhne. Faodaidh an latha tighinn anns am buidhe leis a’ Ghearmailt càirdeas is còmhnadh iarraidh air an duthaich a bha i re nan tri bliadhna chaidh seachad a’ dìteadh ’s a’ cur an suarachas. Agus mur faigh i iad, ’s ann aice fein ’s aig a sluagh a bhios a’ choire. Ar Righeachdan Thairis. (Oban Times.) Tha iad so an diugh a’ cuimhneachadh air dòigh ro shònruichte na carraig ás an robh iad air an cladhach. Tha iad a’ faicinn gu’m bheil tomhas do ghlòir nàdurra co-cheangailte ris na h-eileanan beaga so air taobh siar na h-Eòrpa Fhuair iadsan am breith ’s an spiorad o na seann cheàrnan ainmeil so ann an eachdraidh an t-saoghail. Agus tha dòchas nach dì-chuimhnich iad anns na làithibh ri teachd na rinneadh agus na fhuaradh air an son ás an dùthaich so. Tha sinn a creidsinn nach fàilnich iad anns an dleasnas so. ’Nuair a thig cùisean gu bhi cruaidh bidh dùil againn gu’m bi a’ chlann airidh air an sìnnsear. An uair na h-éigin thig cuideachadh o na rìgheachdan so thairis a dh’ ionnsuidh na seann mhàthair o’n d’ thàinig iad uile. Ach co-cheangailte ri so cha bhi e ceart do chlann a bhi strìth r’ an deanamh féin beairteach fo sgàil na seann chreutair o’n d’ fhuair iad am bith. ’Se brìgh nam facal so gu’m bheil e ceart dhuinn a bhi làn chinnteach ás anns na làithean so nach ceadaich sinn do riaghailtean eucorach ’sam bith a bhi air an daingneachadh ann am bunabhasan na rìgheachd, am measg nan gluasad a tha fo riaghladh cuid aig an àm so agus a dheanadh biadh an duine bhochd ni ’s daoire. Priomh Mhinisteir Ur. Air Di-haoine, an dara latha deug dhe’n mhios, leig Morair Salisbury dheth a bhi na ’phriomh Mhinisteir air Breatuinn. Bha e ’san dreuchd air an turus so o chionn seachd bliadhna, agus bha e ann da thurus roimhe, bho 1885 gu 1886, ugus bho 1886 gu 1892—ceithir bliadhn’ deug uile gu leir. Tha e nise fàs sean—tha e tri fichead is da bhliadhn’ deug a dh’ aois—agus tha ’n obair a tha ’n co-cheangal ri dhreuchd na uallach ro-throm air. Bha e na fhear-staite aig an robh deagh bhreithneachadh, agus bu tric leis gnothuichean a thoirt gu crìch na b’ fhearr na bhiodh eadhon a chàirdean a’ cur roimhe. Tha e air a leantuinn le Mr Artar Seumas Balfour, mac peathar dha fein. Tha esan an treine ’neairt, leth-cheud is da bhliadhna dh’ aois, agus tha e na dhuine fior thapaidh, air am bheil mor mheas anns a’ phàrlamaid. Bidh aig Mr. Chamberlain an aon dreuchd ’s a bh’ aige roimhe. TUIR MHARCONI ULLAMH—Tha Tùir Mharconi ann an Glace Bay air an criochnachadh, agus cho luath ’s a thig e-fein thar cuain, bidh deuchainn air a chur air an innleachd ùir. Thatar ag radh gu bheil e aig an àm so air a thurus a nall air bòrd luing-chogaidh Eadailteach. Air an t-slighe tha e ’cur gach deuchainn a’s urrainn e air an innleachd, a’ cur fhiosan gu soithichean eile ’s gu tir mar a dh’ fhaodas e. DUTHAICH GHEALLTANACH—Tha Morair Strathcona ag radh ma leanas Canada air an adhartas a tha i ’deanamh an dràsda gu ’m bi i comasach, mu ’n ruith deich bliadhn’ eile, air pailteas gràin a chur a null do Bhreatuinn air-son muinntir na dùthcha sin a chumail an aran. Tha dùil ri bàrr trom a bhi anns an Iar-Thuath am bliadhna. Leis na tha de thuathanaich as na Staidean air fearainn a thogail ann, tha barrachd mor ’s a b’ àbhaist dhe ’n dùthaich sin fo bhàrr. Thatar a’ meas gu’m bi eadar ceithir fichead is ceud millein buiseal cruithneachd air a bhualadh toiseach a’ gheamhraidh. CAS IOMRAITEACH—Chaidh dithis Gheancach, Green agus Gaynor, a ghlacadh ann an Cuebec o chionn mios no dha air ais air son meairle. Ma ’s iad na daoine ciontach, ghoid iad còrr is da mhillein dolair ann an aon de bhailtean Georgia. Tha iadsan a chaill an t-suim mhor sin a cur air an tòir ’s ag iarraidh an toirt air ais do na Staidean gus am feuchainn a reir lagh na dùthcha sin, o’n ’s ann innte rinneadh a’ chionta. Bho ’n chaidh an glacadh ann an Cuebec tha gach innleachd air an urrainn fir-lagha smaointeachadh air a chleachdadh air-son an cumail air an taobh so dhe ’n chrìch. Tha na h-uiread dhe sin air a dheanamh ’s gu bheil fir-lagha nan Staidean a’ gabhail orra bhi dhe ’n bheachd gu bheil meur aig daoine tha ’n àrd-inbhe an riaghladh na dùthcha anns a’ chùis, agus tha iad a’ dol a dheanamh gearain ris an Riaghladh Bhreatunnach. Bu nàr an gnothuch gu ’m biodh neach sam bith aig am beil lamh ann an riaghladh Chanada ciontach dhe leithid, agus tha sinn an dòchas nach eil e fior. Ach na tha, mar a ’s luaithe theid a dhearbhadh orra ’sa theid an tilgeadh á dreuchd air a shon ’s ann is fheàrr do ’n dùthaich. Cha bhi cliù no buaidh air dùthaich anns an gabh breitheanas is ceartas ceannach le airgiod. [TD 13] [Vol. 11. No. 2. p. 5] Bradie ’s na h-Innseanaich. (Air a leantuinn o thaobh 14.) sgiorraidh, ged bu bheag dùil a bh’ aig a dhaoine gum faiceadh iad e, no gu ’n cluinneadh iad iomradh air gu dìlinn. Ach ged a fhuair e as air an àm so, ghlac iad e ’na dheigh sin; bha e mach a’ sealg nan leas-leathann, agus chuartaich na h-Innseanaich e, ghlac iad e, rinn iad ceangal nan seachd dual air, agus thug iad leò e le iolach ghàirdeachais. Bha ’mhiann orra a chur gu bàs piantail, air neo spadadh iad an t-eanchainn as far an robh e; ach thug iad e d’ an dùthaich féin, chruinnich iad am fineadh Innseanaich air fad chum bàs Bhradie fhaicinn—dh’ fhadaidh iad an teine mòr, chuartaich iad Bradie bochd—bha dannsa ’s òl a’s ceol a’s aighear aca; bha gach nì réidh chum a chur gu dòruinn—ruisg iad e, dh’ fhuasgail iad na ceanglaichean a bha m’ a lamhan—tharruing iad a nis ceithir thimchioll air, ann an aon chuairt mhòir, fir agus mnathan a’s leanaban, le glaodhaich agus sgreuchail uamhasach. Sheas Bradie truagh gun sgàth, a’ toirt fa ’near an uidheamachaidh oillteil a bha iad a’ deanamh, le misnich a chuir iongantas air a nàimhdean. Bha a’ chuideachd fhathast a’ dannsa—thainig bean an righ no a’ chinn-fheadhna bha thairis orra dluth do Bhradie, agus leanabh-gille aic’ air a h-uchd, an t-aon leanabh a bh’ aig an righ; dh’ amhairc i so ann an aodann Bhradie agus thilg i smugaid air. Co luath ri boillsge dealanaich spion Bradie an leanabh uaipe, agus tilgear e ann an teis-meadhon na grìosach a bha air a lasadh suas chum e féin a sgrios! Thug na h-Innseanaich aon leum chum an leanabh a theasraiginn. Ghrad theich Bradie, thàr e as co luath ri aona bhoc-earba ’theich riabh o fhaoghaid, thuit mnathan a’s leanaban f’ a chasan, bhuail e iad thall ’sa bhos—thug e ’choille air ’s na ceudan as a dhéigh. Thog e suas ri uchd na beinne a dh’ ainmicheadh air an àm sin “sliabh Bhradie,” fras pheileirean as a dhéigh—theirinn e sios taobh eile ’n t-sléibh. Bha e co eòlach air an dùthaich ri aon Innseanach a bha ’nam measg, agus cha robh a h-aon ’nam measg co luath, làidir, eusgaidh ris. Shnàmh e na h-aibhnichean, agus mu dheireadh ràinig e a thigh agus a dhachaidh féin: ach a mach o ’n àm sin, bha e ’na earalas, agus thug e ’n aire nach d’ fhuair na h-Innseanaich greim air gu latha a bhais. Sith. Thainig sìth bheannaichte mu dheireadh, ’s bha ’n t-àm ann. Tha sinn o chionn teann air trì bliadhna agus ar làmhan dearg le fuil ar co-chreutairean. Nach brònach an sgeul ri innseadh aig toiseach an fhicheadaibh linn nach robh dòigh a b’fhearr air cùisean a shocrachadh eadar dà dhùthaich na le faobhar a’ chlaidheimh. Feudaidh an cuilean beag a bhi beothail, dìorasach, tapaidh ach na dheigh sin uile cha ghaisge e do’n chù mhor a theid na bhad ’s a ni a liodairt. Théid neart thar ceart. Mar dhùthaich chaidh sinne a mach an aghaidh nam Boerach a brag cho luath ’sa chuireamaid an cùl ri làthar—direach mar a chaidh Goliath an aghaidh Israeil o shean—a bòsd as ar neart féin, ach cha b’ fhada gus an robh an Leòghan Breatunnach ri ’fhaicinn a teicheadh le ’bheatha ’s earball na ghobhall leis an eagal. An déigh a h-uile ni th’ ann bha sinne a cheart cho sgìth de ’n chogadh ’sa bha na Boerich, agus tha sinn an dòchus gun do theagaisg an cogadh so dhuinn fìrinn nan sreathan— “Cha ghaisge ’ni bi liodairt dhaoin’, ’S cha chliù a bhi an comhrag tric.” Chosd an cogadh ruighinn so na muilleanan, gun ghuth air an t-sluagh a chaill sinn, agus ciod a th’ againn air a shon uile ach call cliù, agus fiachan trom ri phàigheadh. Tha sinn toilichte fhaicinn nach ’eil cànain nam Boerach ri bhi air a toirmeasg, cha ’ne mhain gu bheil i ri bhi anns na sgoilean ach tha a chainnt ri bhi air a gnàthachadh anns na cuirtean lagha. Tha mòran daoine ann agus cha ’n urrainn iad a thuigsinn c’arson a rinn an Cruithear daoine ach Sasunnaich, no ciamar a tha cànain ’san t-saoghal ach Beurla. Tha iad so an geall air a’ Bheurla a sparradh air daoine a dheòin no dh’ ain-dheòin—gun chuimhn’ aca nach ’eil a’ Bheurla idir cho sean ri iomadh cànain a tha iad a cur as a bhun. Rinn sinne ni bha mi-chiatach agus neo-uasal ’nuair a loisg sinn aitreabh gach Boer, ’sa ghiulain sinn leinn mnathan is clann mar phriosanaich. Airson an tùrn mhi-chneasda so tha againn ri tri muillean punnd Sasunnach a phaigheadh dhaibh a nis a chur nan aitreabh sin air dòigh. Sinn fhéin na daoine! Tha sinn am beachd nach téid Breatunn a chogadh a rithist an dà latha so. Có dhiu ma tha am pobull glic.—Highland News. Naigheachdan. ELEPHANT FHIACHAIL—Bhasaich elephant òg ann an Toronto air an t-seachduin s’a chaidh a b’ fhiach da cheud deug dolair. Chaidh a toirt mar ghibht do ’n bhaile le cuideachd rathaid-iaruinn na sràide. ’S e dh’ aobharaich a bàs tacaid mhor a dhol na ’fiacail air dhòigh ’s nach b’ urrainn dh ’an bheathach bhochd a biadh a chagnadh no a chnàmh. CITCHENER AN SASUNN—Tha Morair Citchener a nise ann an Sasuinn. Chaidh fàilte mhor a chur air leis an arm, agus cho luath ’s a rainig e Lunnainn chuir an righ fios air. Thugadh a stigh e do ’n t-seòmar anns an robh Iomhar na ’laidhe tinn, far ’n do dh’ altaicheadh a bheatha ’s an d’ fhuair e taing o’n righ fein air son mar chuir e crioch air a’ chogadh. Tha an seanalair a faotainn mar dhuais o’n dùthaich leth-cheud mile punnd Sasunnach. CALL BEATHA UAMHASACH—Bha spraidheadh ann am mèinn ghuail faisg air Johnstown, am Pennsylvania, air an deicheamh latha dhe ’n mhios, anns an do chaill ceud is coig duine deug am beatha. Bha an t-àite ’s ’n do thachair an sgiorradh mu dha mhile bho uachdar na talmhainn, agus mar sin bha an call na bu mhotha, a chionn bha e doirbh na daoine ruigheachd. Bu Hungarich is Slàbhich a mhor chuid diubh. Cha robh thar dusan de mhuinntir nan Staidean fein na ’m measg. AN RIGH NA ’S FHEARR—Di-màirt air an t-seachduin s’a chaidh bha an righ air a ghiulain o lùchairt Bhuckingham, far an robh e na ’laidhe tinn, gu Cowes, far an deach e air bòrd birlinn. Tha e air a dhol gu math am feobhas, agus a’ fàs ann an neart na h-uile latha. Tha e ri bhi air a chrùnadh air an naodhamh latha de Ogust. Cha ’n fhàg e Cowes gu latha no dha roimhe sin. Cha bhi an crùnadh idir cho greadhnach no cho mor-chuiseach ’s a bha e gu bhi na ’n robh e air a dheanamh air an latha shuidhichte ’san òg-mhios. GAIDHEIL DHILEAS—Cha’n urrainn dhuinn gun facal molaidh no dha a sgriobhadh mu dhithis Ghàidheal a nochd o chionn ghoirid ciod a dh’ fhaodadh leughadairean MHIC-TALLA a dheanamh air a shon na ’n gabhadh iad an t-saothair. ’S e ’n dithis sin, “Micheal” o ’m bithear a’ faighinn litir an dràsda ’s a rithist, agus D. C. Mac-an-t-Saoir, á Cleveland, Ohio. Tha “Micheal” o thoiseach na bliadhna air ochdnar ùr a chur ri àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA, agus Mac-an-t-Saoir a sianar, a bharrachd air pàigheadh bliadhn’ eile chur ugainn bho choignear a bha ga ’ghabhail roimhe. Tha sinn an so a’ toirt moran taing dhaibh, agus a moladh an eisimpleir do mhuinntir eile. Am measg ar leughadairean, tha na ceudan aig am beil a’ cheart chothrom a th’ aca so, na’n gabhadh iad e. Agus na’n deanadh iad sin, bu luath a thigeadh am paipearan air adhart. Nach còir dhaibh uile gluasad anns a’ chùis, agus feuchainn ciod is urrainnear a dheanamh a chum an aon phaipeir Gàilig a chur air bonn na ’s fhearr na bha e riamh. DAINGNEACHD UR—Tha daingneachd mhor eile ri bhi air a togail ann a Halifacs, taobh an ear beul na h-acarsaid, air eilean ris an canar Devil’s Island. Bidh an daingneachd so na’s làidire ’s air a h-armachadh na’s fhearr na tha Dùn York ’sa bhaile cheudna, daingneachd nach eil fad air dheireadh air Gibraltar ann an neart ’s an tearuinteachd. BAS LE SGIORRADH—Chaidh fear Iain G. Mac-Neill a mharbhadh air an rathad-iaruinn aig an junction faisg air Sidni Tuath, maduinn Diordaoin. Bha e ag obair air trein, agus thuit e eadar an t-inneal ’s àite ’ghuail. Chaidh na cuibhlean thairis air mu na guaillnean, ga ’ghrad mharbhadh. Cha robh ann ach duin’ òg aois naodh bliadhn’ deug. Bhuineadh e do na Caoil-Mhora. A’ SIREADH PHEARY—Tha ’n Lieutenant Peary anns an àirde tuath o chionn thri bliadhna a feuchainn ris a’ chrann a tuath a ruigheachd. Tha soitheach air falbh ga ’shireadh an dràsda, agus ma tha e beò, slàn, ’s comasach air siubhal tha dùil gu ’n coinnich e rithe aig Rudha Sabine. Tha a bhean ’s a nighean air bòrd an t-soithich, a sheòl á Sidni air an t-seachduin so. Tha Peary a’ siubhal an àirde tuath o chionn da bhliadhn’ deug, agus tha a bhean ag radh ma gheibh i dhachaidh air an turus so e, nach leig i leis falbh tuilleadh. BIASTAN NA MARA—Chunnacas muc-mhara mhor aig beul na h-acarsaid toiseach na seachduin s’a chaidh. Deireadh na seachduin roimhe sin, chunnacas faisg air an àite cheudna aon de na biastan sin a thatar a’ faicinn gu tric ann an iomadh cearna, agus an deigh sin nach eil a mhor chuid de ’n chinne-dhaonna a’ creidsinn gu bheil iad ann—nathair uisge. Bha i so air a faicinn le grunnan math dhaoine, le iasgairean a dh’ fhag an lìn ’s a theich gu tir roimpe, le luchd-iùil shoithichean aig Low Point, ’s le sgioba birlinn d’ am b’ fheudar a dhol astar math as an rathad g’a seachnadh. A reir fianuis nam feadhnach sin uile, bha a’ bhiast a falbh mar a dh’ fhalbhas nathair air tir, bha gairbhead agus fad mor innte, agus bha i ’deanamh maistreadh uamhasach air uisge ’chuain. MORT GRAINEIL—Rinneadh mort gràineil ann a’ Halifacs Di-luain s’a chaidh le fear d’ am b’ ainm Cooke a mharbh a bhean. Bha ’n duine ’g òl, agus air dha tighinn dhachaidh dh’ iarr e air a mhnaoi airgiod a thoirt dha. Nuair a dhiùlt i sin a dheanamh, rinn e greim oirre agus le ràsar ghearr e a sgòrnan. Chaidh e an sin ’s dh’ innis e ciod a rinn e dha phiuthar ceile a bha còmhnuidh ’san taigh cheudna; chuir ise fios air na maoir, agus chaidh a ghlacadh gun dàil. Dh’ aidich e a chionta gu saor, agus mar an ceudna gu ’n d’ rinn e mort roimhe so, agus gu bheil e pòsda ri dithis mhnathan eile a tha fhathast beò. Is seann saighdear e, agus bha e toiseach an t-samhraidh so ag obair aig an obair-iaruinn an Sidni. Anns a bhaile so bha e deich latha fichead ’sa phriosan air-son daoraich. Tha na ridirean ’s na h-uaislean a’ fàs lionmhor ann am Breatuinn, agus eadhon ann an Canada. Air an latha bha an righ gu bhi air a chrùnadh bha àireamh mhor de ridirean, de bharain ’s de mhorairean ùra air an cruthachadh. Tha na tiodalan so air am buileachadh air daoine tha ’n àrd-inbhe mar dhuaisean air son seirbhis chomharraichte a rinn iad do ’n Impireachd Bhreatunnaich no do ’n chinne-dhaonna. Tha ’n àireamh a’s motha dhiubh air an deagh chosnadh, ach tha bharail a’ fàs gle chumanta gu bheil cuid ga ’m faotainn gun an cosnadh, agus cuid eile ga ’n cosnadh nach d’ fhuair iad. Ma tha sin fior cha’n eil cuisean ceart. B’ fhearr gu mor beagan de dhaoin’ airidh a bhi as eugais thiodalan na moran de dhaoine neo-airidh a bhi ga ’m mealtuinn. ’S e a bhi gann cron a’s fhearr air na tiodalan na iad a bhi ro-phailt. ’S e ro-ghainnead an òir a tha ga ’fhàgail priseil, mar is e ro-phailteas nan clach a tha ga ’m fàgail gun luach. Ach ma tha na tiodalan a’ fàs saor, chunnacas latha a bha iad na b’ fhior shaoire. Tha eachdraidh ag innse gu ’n d’ rinn righ Seumas a h-aon, fear nach sòradh airgiod no urram, tri cheud ridire an aon latha! Tha dòchas agus earbs’ againn nach deanar obair-latha cho mor sin am Breatunn gu bràth tuilleadh. [TD 14] [Vol. 11. No. 2. p. 6] (Air a leantainn o thaobh 11.) radh a dheanamh ruit. Bidh uine gu leoir agad gus an thachair dhut innseadh dhomh an uair a theid thu na ’s fhearr. Tha e ’toirt mor thoileachadh dhomhsa d’ fhaicinn aon uair eile beo, slan, an deigh na fhuair mi de dhragh inntinn o Dhi-haoine, agus a liuthad dragh agus saothair a ghabh mi feuch am faighinn a mach ciod a dh’ eirich dhuit.” Ghabh Aladin comhairle a mhathar, agus cha d’ ith ’s cha d’ ol e ach beagan. An uair a ghabh e na thainig ris, thuirt e ri ’mhathair: “Cha ’n ’eil mi idir toilichte dhibh a chionn gu ’n do leig sibh leis an droch dhuine ud mo thoirt air falbh. Cha robh ni ’na bheachd ach mo chur gu bas, agus tha e lan chinnteach gu ’m bheil mi marbh. Chreid sibh a cheart cho math riumsa gu ’m b’ e brathair m’ athar; agus an uair a bheir sinn fa near an caoimhneas a nochd e dhuinn le cheile, ’s gann a b’ urrainn duinn a chaochladh a chreidsinn. Ach, a mhathair, cha’n ’eil ann ach an dearg shlaoightire. Rinn e na rinn e a chum mo bheatha thoirt air falbh; agus cha ’n urrainn mise no sibhse thuigsinn ciod am feum a dheanadh e dha mo leithid-sa ’chur gu bas. Tha mise ag innseadh dhuibh gu saor soilleir nach d’ rinn mi dad cearr riamh air, ged a rinn esan a leithid de dhroch dhiol ormsa. An uair a dh’ innseas mise dhuibhse a h-uile car mar a thachair dhuinn o ’n a dh’ fhalbh sinn as a so gus an do thoisich e ri mo bheatha thoirt air falbh, tuigidh sibh nach d’ rinn mise ni sam bith as an rathad.” An sin thoisich Aladin ri aithris d’ a mhathair gach ni a thachair dha o Dhihaoine, an uair a thug an draoidh e a dh’ fhaicinn nan luchairtean agus nan liosan a bha mu ’n cuairt de ’n bhaile, agus mar a dh’ fhalbh iad ceum air cheum a mach o ’n bhaile gus mu dheireadh an d’ rainig iad an t-aite a bha eadar an da bheinn; mar a dh’ fhosgail an talamh an uair a thilg an draoidh an tuis anns an teine, agus a labhair e na facail draoidheachd; mar a bhuail an draoidh dorn air ann toll na cluaise, agus mar a labhair e cho caoimhneil ris an deigh sin; mar a chuir e fainne air a mheoir, agus a thug e air a dhol sios do ’n uaimhe. Dh’ innis e dhi mu gach ni a chunnaic e anns na tri seomraichean troimh ’n deachaidh e mu ’n d’ rainig e an garadh anns an d’ fhuair e an cruisgean. Thug e an sin an cruisgean as a bhrollach, agus dh’ fheuch e dha ’mhathair e. Thug e dhi lan da sporrain de na measan soillseach a thug e bhar nan craobhan a bh’ anns a’ gharadh. Ach ged is e clachan ro luachmhor a bh’ annta so, cha robh fios aig Aladin no aig a mhathair gu robh feum sam bith annta, agus cha mho na sin a ghabh iad suim sam bith dhiubh. Cha robh eolas aig mathair no aig athair Aladin no aig duine dhe na daoine o ’n d’ thainig iad air seudan no air clachan luachmhor, agus mar sin, cha ruig sinn a leas ioghnadh a bhith oirnn ged nach do ghabh iad curam sam bith dhiubh. Chuir Aladin na clachan luachmhor ann an toll air chul na beinge air an robh e ’na shuidhe, agus lean e air innseadh dh’ a mhathair mar a thiodhlaic an draoidh beo e, a chionn nach do ghrad shin e dha an cruisgean an uair a thainig e gu beul na h-uamha; mar a bhrist a ghal air an uair a fhuair e e-fhein glaiste fo ’n talamh; mar a thuit dha, an am dha bhith ’fasgadh nan dorn, snathadh a thoirt air an fhainne; agus mar a thainig am fathach mor, duaichnidh, agus a dh’ fhosgail e an uamha dha. An uair a chuir e crioch air na bh’ aige ri radh, thuirt e ri ’mhathair: “Cha ruig mi leas an corr a radh; tha fhios agaibh fhein air a’ chuid eile. Sin agaibh na driodartan agus an cunnart troimh ’n deachaidh mise o ’n a dh’ fhalbh mi.” Fhad ’s a bha Aladin a’ dol troimh a naigheachd, dh’ eisd a mhathair ris le mor aire agus fhoighidin; ach aig a’ cheart am bha corruich nach bu bheag oirre ris an draoidh air son nan cuilbheartan aingidh leis an d’ thug e oidhirp air a mac a chur gu bas. Cha bu luaithe chuir Aladin crioch air na bh’ aige ri radh na las i le feirg. Thug i a mile mollachd air an draoidh. Cha ’n fhaigheadh e ainm a b’ fhearr uaipe na slaoightire, agus mortair, agus mealltair, agus namhaid a’ chinne-daoin. “Cha ’n ’eil teagamh, a mhic,” ars’ ise, “nach e draoidh a th’ ann, agus tha iad ’nam plaigh do ’n t-saoghal; oir le ’n draoidheachd agus fiosachd tha iad ann an seirbhis an droch spioraid. Thoir cliu do Dhia air son gu ’n do ghleidh e thu o a dhroch innleachdan; oir bha do bhas air a lamhan gun teagamh mur b’ e gu ’n do ghairm thu air Dia, agus gu ’n d’ iarr thu a chuideachadh.” Bha i deas gu tuilleadh smadaidh agus cainidh a dheanamh air an draoidh; ach an uair a chunnaic i Aladin a’ tuiteam ’na chadal, ’s e gun noradh a dheanamh fad tri oidhche roimhe sin, chuir i do ’n leabaidh e, agus an ceann beagan uine chaidh i fhein a laidhe mar an ceudna. Chadail Aladin cho trom ris a chloich gus an robh earrann de ’n latha air a dhol seachad an la-iar-na-mhaireach. Cha bu luaithe dhuisg e na dh’ iarr e air a mhathair biadh a thoirt dha. “Is bochd mar a tha chuis, a mhic,” ars’ ise, “cha ’n ’eil greim bidh agam a bheir mi dhut. Dh’ ith thu fhein a’ raoir a h-uile greim a bha ’s taigh. Ach ma ni thu foighidin car beagan uine gheibh mi biadh dhut. Tha beagan cotain agam a shniomh mi; theid mi agus reicidh mi e, agus ceannaichidh mi biadh.” “’S ann is fhearr dhut a mhathair,” ars’ Aladin, “an cotan a ghleidheadh gu am eile, agus thoir dhomhsa an cruisgean a thug mi dhachaidh an de. Theid mi agus reicidh mi e, agus ceannaichidh an t-airgiod a gheibh mi air a shon na dh’ fhoghnas dhuinn de bhiadh gus am maireach.” Rug a mhathair air a’ chruisgein, agus thuirt i: “So agad e, ach tha e ro shalach; nam biodh e na bu ghlaine tha mi ’creidsinn gu ’m faigheamaid barrachd air a shon.” Thoisich i air a ghlanadh le gainimhich mhin agus le uisge; ach cha bu luaithe thoisich i air a shuathadh na ghrad bha fathach mor, oillteil ’na sheasamh air a beulaobh. Labhair e rithe le guth mor ag radh, “Ciod a tha thu ’g iarraidh? Tha mise deas gu seirbhis sam bith a dheanamh dhut, agus do gach neach aig am bi an cruisgean; mise, agus seirbhisich eile a’ chruisgein.” (Ri leantuinn). Bradie ’s na h-Innseanaich. (Cuairtear nan Gleann.) THA Innseanaich America nan daoine cho tapaidh, treun, lùgh’or, làidir ’s a tha air aghaidh an t-saoghail, ach air an àm cheudna anabarrach seòlta dioghaltach agus naimhneil far an gabh iad fuath; ach lùgh’or, làidir, eusgaidh mar tha iad, thachair aon neach orra nach b’ urrainn iad a cheannsachadh no a mhilleadh agus b’ e sin duine geal d’ am b’ ainm Bradie, a choisinn cliù mòr ann an ceud chogadh America an aghaidh nan Innseanach. Bha ’n duine so air a chàramh le buidhinn làidir shaighdearan air iomall dùthcha nan Innseanach a chum an smachdachadh, agus g’ am bacail o bhi a’ goid a stigh do na cearnaibh san robh na daoine geala a chòmhnuidh, agus an losgadh agus an sgrios, mar bha iad fior thoigheach air a dheanamh. Air àm àraid thachair do Bhradie bhi mach leis an fheachd a bha fodha air tòir nan Innseanach, agus choinnich e buidheann anabarrach do na daoine borba treuna so. Chunnaic e nach robh math dha oidhirp a thoirt orra, gu ’n robh iad co lìonmhor làidir; ’s gum b’ e ni a b’ fhearr a b’ urrainn e dheanamh teicheadh uapa. Ghlaodh e r’a chuid daoine, “Thugadh gach fear an aire dha féin, teicheadh sibhse dh’ ionnsuidh ur n-àiteachan daingnich làidir—fàgaibh mise agus iadsan, tha iad co iarradach air mise ’ghlacadh ’s gu’n lean iad mi, agus gu’n leig iad sibhse as—guidheam oirbh sgapadh agus thugaibh sibh féin as.” Rinn iad so, agus dìreach mar thubhairt e, lean na h-Innseanaich esan, na ceudan diubh aig a shàil, le iolaich agus sgreadail oillteil. Bha abhuinn mhòr dlùth do ’n àite: ghabh Bradi, oir cha robh slighe eile aige, dh’ ionnsuidh na h-abhunn. Dh’ fheuch iad a chuartachadh, ach bha esan co eòlach air an abhuinn riutha fein. Chuimhnich e gn ’n robh àite dlùth dha far an robh an abhuinn aimhlean, eadar dà chraig mhòir, agus a’ tuiteam thar a’ chraig le boile agus fuaim anabharrach. Cha ’n eil eas uisge san dùthaich so is eagalaiche ri fhaicinn na e; tha e os ceann tri fichead troidh air àirde, agus dà throidh ’ar fhichead air leud o chraig gu craig. Ghrad thug Bradi an t-àite so air; chunnaic e mur feuchadh e an abhuinn a leum thar an eas so, gu robh e ’n làimh aig na h-Innseanaich, a bha nis dlùth dha agus an ìmpis a ghlacadh. Bha fios aige gu ’n robh bàs uamhasach a’ feitheamh air nam faigheadh iad greim air. Ràinig e a’ chreag le roit anns na chleachd e gach ìnnleachd agus neart a bha ’na choluinn, thugar leum thar an eas, agus ruigear taobh thall na h-aibhne! Ghrad rinn e greim air preas air a’ bhruaich agus streap e a mach. Chuir so iongantas air na h-Innseanaich! Sheas iad mar gum biodh iad ’nam breislich. Bha e fhathast mar astar urchrach, ach chuir iad romhpa gun losgadh air, a thaobh an tograidh a bha aca a ghlacadh beò, chum a chur gu bàs anns an dòigh bu phiantaiche air am b’ urrainn iad smuainteachadh; ach a nis nuair a shaoil iad gu’n d’ fhuair e as, loisg na ficheadan diubh air le ’n gunnacha-caola. Bhuail aon pheileir e am bachd na h-easgaid, ach cha robh e air a leònadh co mor ’s nach b’ urre fhathast ruith. Fhuair cuid de na h-Innseanaich thar an abhuinn, agus lean iad air a luirg. Bha cas Bhradie a nis a’ fàs rag agus goirt, agus a cheum fann; thuig e gu ’n robh iad a’ teachd suas ris, chunnaic e nach robh dol as; bha ’n t-anmoch a’ tighin orra, ach cha robh mionaid r’a chall; bha ’n glaodhaich mar dhonnalaich chon sheilg ’ga ruigheachd. Ghrad thug e bruach na h-abhunn air, shnàmh e fo ’n uisge sìos leis an t-sruth dlùth do ’n bhruaich, ga ’fhalach féin co math ’s a b’ urrainn e gus an d’ ràinig e stoc mór de sheana chraoibh dharaich a thuit san abhuinn. Cheil se e féin fo stoc na craoibhe, agus a bheul ’s a shròn, mar an dobhran donn, an uachdar, agus anns an fhasgadh so dh’ fheuch se e féin fhalach uapsan a bha air a thòir. Lorgaich iad e gu bruach na h-aibhne; bha fuil Bhradie air an fheur; cha do chuir iad teagamh nach do bhàthadh san linnidh e. Rannsuich iad sios bruach na h-abhunn air gach taobh. Air aon àm bha dithis diubh ’nan seasamh air a’ cheart chraoibh dharaich fo ’n robh e ’ga chleith féin—chual’ e iad a’ seanchas m’a dhéibhinn, oir bha e eòlach air an cainnt, agus thog a chridhe nuair a chual’ e iad ag ràdh nach robh math dhoibh a bhi ’ga shireadh na b’ fhaide; agus fo shòlas gu’n do bhàsaich an t-aon nàmhaid bu ghuiniche ’s bu tréine bha aca. Dh’ fhalbh na h-Innseanaich agus thainig Bradie a mach o ’àite-falaich agus ghabh e dhachaidh, far an d’ ràinig e gun tuille (Air a leantuinn air taobh 13.) [TD 15] [Vol. 11. No. 2. p. 7] Cuachag nan Craobh. A chuachag nan craobh, nach cruaidh leat mo chaoidh, Ag osnaich ri oidhche cheothair? Gun siubhlainn gu caomh gu ùrlar nan craobh, Gun duin’ air an t-saoghal fheoraich; ’S gun togainn le m’ ghaol gu mullach cùl fraoich, ’S mo leaba ri taobh nan og-chrann. Do chrutha geal caomh bhiodh sìnte ri m’ thaobh, Is mise gu caoin gad phogadh. Gum facas o ’n dé leam aisling gun bhréig, Is dh’ fhàg sin mi-féin dubh-bhronach; Bha fear mar ri té a pogadh a béil, ’S a brìodal an déidh dhaibh posadh. Ghrad dhìrich mo mhiann, dh’ atharraich mo chiall, Is ghuil mi gu dian, geur-dheorach. Cha robh cuisle no féith an uachdar mo chléibh Nach d’ bhrosnaich gu eug mi comhla. ’S ann ort tha mi ’n geall, riut chaill mi mo ghreann, Is mar-ris mo sheann éibhneas. Gun togainn ort fonn, a chruinneag gheal donn, ’S gun ruiginn aig t-àm féin thu. Nuair thiginn ad dhàil bu deas dhomh do làmh, ’S do chridhe làn gràidh is spéis dhomh. Theich m’ aighear gu bràth ’s tha mulad gun tàmh A brùchdadh na àit ’s gam léireadh. Falt fann-bhuidh’ nan cleachd, mìn, càm-lubach, snast’, Is fàbhrad nan rosg glan àlainn; Gruaidh réidh mar a chaor, uchd coimhliont’ mar aol, Is anail mar ghaoith bharr gàrraidh. Gus ’n cuir iad mi steach, ’an ciste, ’san fheart Bidh m’ aigneadh fo neart do chràidh-loit, Le smaointinn do chleas ’s do shùgraidh mu seach Fo dhuilleach nam preas ùr, blàthor. ’S tu’n ainnir ghlan réidh a’s taitniche beus, Gnùis shoilleir mar reul air àilleachd. Ged ghiulain thu ’m bréid gu uasal gu féill Bha agad fo d’ sgéibh fior chràidhteas. Is truagh mi ’s a chreuchd ’tha cuaradh mo chléibh, ’S mi ’m buaireadh o’n thréig thu, ghràidh mi. Nam faighinn dhomh féin thu posda bho ’n chléir Gum faodainn o’n bheum so tèarnadh. ’S tu chruinneag dheas ghrinn, ’tha fileanta binn, Meoir innealt’ o ’n cinnteach sàr-cheol; Beul dearg mar an ros, suil ghorm, mheallach, bheo, Is cridhe gun phrois, gun fhàl-bheart. Gur gile do bhian na ’n sneachd air an t-sliabh, ’Bhith bhuait ’s e a liath cho tràth mi. Nam faicinn gach cùis, mar b’ àbhaist, a rùin, ’S luath ’dheanadh gach tùrsa m’ fhàgail. Thuit mise le d’ ghath, thug sud uam mo rath, Is ghéill mi le neart mo dhòrainn; Bha saighdean do ghaoil gam lot anns gach taobh, Is thug iad gach caoin diom còmhla. Dh’ fhalbh m’ àbhachd ’s mo dhreach, dh’ fhalbh tàbhachd mo neirt, Is mheudaicheadh rachd ’s gal broin domh. Mur fuasgail thu tràth le t’ fhuran ’s le t’ fhàilt’, Is cuideachadh bàis thu dhomhsa. Och, ’s fad’ tha mi ’m péin, a feitheamh ort féin, ’S nach togair thu éirigh suas leam! Nan robh thus’ an teinn ’s gun deanainn-s’ dhuit feum, Gun rachainn am leum ga t’ fhuasgladh.— Cha ’n fhad gus an lò ’m bi prasgan gu fòil Gam fhàgail an còs na h-uaghach; An dig thus’ na dàil, le cuimhn’ air mar bhà, ’S an sil thu deoir gràidh mu bruachaibh? Is truagh nach do dh-fhàg mi saoghal a chràidh s’ Nuair bha mi am phàisd’ gun eolas; Mum faca mo shùil thu, ’ainnir mo rùin, ’S mun d’ agair mi ’n tùs do phog ort. Ged tha mi fo phràmh, mi tinn is mi-shlàn, A cuimhneachadh dàil ar posaidh, Mo bheannachd ad dhéidh o’n cheannaich thu-féin Le leannanachd dhéin gle og mi. Chaidh Cuachag nan Craobh a sgriobhadh a sios ’sa bhliadhna 1764. Fhuair “Fionn” e ann an leabhar-sgriobhte Mhic-Lagain, agus thug e do na paipeirean-naidheachd e. Bha e na ’sheann oran nuair a fhuair Mac-Lagain e. Tha e air a ràdh gur h-e Mac Fir Dhail-an-Eas’ a b’ ùghdar dha, agus tha mi dhe ’n bheachd gum b’e. Chuir Mac-an-Tuairneir a mach e ’sa bhliadhna 1813. Thug Iain Mac-Coinnich a leabhar Mhic-an-Tuairneir e, agus dh’ atharraich e an sud ’s an so e; ach dh’ fhàg e moran na b’ fhearr e na fhuair e e, ach beagan de shreathan. Is ann mar so a tha an da shreath so ann an leabhar-sgriobhte Mhic-Lagain:— Mìle mallachd air thùs do na mhnaoi-ghlùin’ Nach do mhùch anns a chùil og mi. Chuir Iain Mac-Coinnich air an doigh so iad,— Mallachd an tùs aig a mhnaoi-ghlùin’ Nach d’ adhlaic ’sa chùil beo mi. ’S gann gun robh am fear a rinn an t-oran a ciallachadh gun robh e duilich nach do chuir a bhean-ghlùine mort an gniomh. Nach h-e a bha e a’ ciallachadh gun robh e duilich nach do thachair dh’ i, le cion sgile no le tuiteamas, an anail a mhùchadh as? A réir is mar a tha mise a tuigsinn an orain ’s i a chuachag a bha mu choinnimh suil a bhàird an nighean chèileireach bhinn a b’ àbhaist a bhith a tachairt ris anns a choille gun fhios d’a pàrantan. Tha e cinnteach, co dhiu, nach h-e ian a bha ann an cuachaig an fhàsaich—a chuachag mu ’n robh Mac Mhaighstir Alasdair a seinn. Ach tuigeadh na h-uile duine na facail, cuachag nan craobh anns an t-seagh a fhreagarras da-fein. Cha ’n fheil mise a toirt seachad an orain mar a tha e ann an leabhar Mhic-Lagain, no ann an leabhar eile. Dh’ fheuch mi ri bhrigh a thoirt seachad, ach faodaidh e a bhith nach do rinn mi sin. Cha ’n fheil an t-oran aig duine a tha beo an diugh mar a chaidh a dheanamh. FREAGAIRT NA H-INGHINNE. Gur mis’ th’ air mo chràdh a smaointinn, a ghràidh, Car tamuill mar bhà do dhéidh orm. Glac misneach gu luath is tu bhios mi luaidh A chaoidh gus an gluais an t-eug orm. Caoin mhala gun ghruaim; cha ’n fhaigheadh tu m’ fhuath, Do mhulad ’san uair so léir mi. Do phearsa dheas ùr cha chuirinn air chùl Air neach tha fo ’n chrùn le spéis dha. Cas dhireadh nan stùc leis a ghunna nach diùlt, Bhiodh fuil air drùchd mun éirinn; Le d’ mhial-chonaibh seang, o’n lomhainn ad làimh, Bhiodh pudhar ’sa ghleann air béintibh. Bhiodh coileach nam beann air sgéith ann ad laimh Mun sireadh fear mall a léine. B’ e roghainn mo chridh’, deagh shealgair na frith’ Nach faicinn a chaoidh na ’éigin. Cùl buidh’ ort mar or, blas meal’ air do phoig, Cha ghabhainn ort stor no feudail. ’S tu ceist nam fear ùr’ nach laigheadh ’san smùr ’Sa mhadainn ’n àm dùsgadh ’s éirigh. Tha guirme nad shùil is seirc na do ghnùis; Gur maiseach air tùs luchd-féill thu. Le d’ bhreacan glan ùr, ’s e paisgte mu d’ chùl, Cha ’n fhaca mo shùil riamh t-eugas. ’S ann ort tha mo luaidh, ’s tu m’ eudail de ’n t-sluagh, Cha bhitheadh tu bhuam nam feudainn; Cha laigheadh orm aois, nam faighinn mo ghaol Le gean is le aonta cléire. ’S tu m’ ulaidh ’s mo mhiann, ’s tu m’ aighear ’s mo chiall, Beul meala fo fhiamh a ghàire. Cha ’n fheil e fo ’n ghréin neach ’ghabhainn ad dhéigh Nam bitheadh tu féin ’n déidh m’ àicheadh. GLEANN-A-BHAIRD. Tha e ’sa chuideachd, mar bha cù luideach a’ cheaird. Tha taobh dubh ’s taobh geal air, mar ’bha air bàta Mhic Iain Ghearr. Tha thusa mar bha thu ’n uiridh, ’s ged bhiodh tu na b’ fhearr, cha b’ uilear. Tha togail do bhothain fhéin ort. Tigh gun chù, gun chat, gun leanabh beag, tigh gun ghean, gun ghàire. Tuigidh bean bean eile. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. [TD 16] [Vol. 11. No. 2. p. 8] Oran a chuireadh gu Domhull beag le caraide dha a chuala gu robh e ’leughadh ’sa paigheadh MHIC-TALLA. ’S ann orm tha ’phrois A Dhomhuill, a bhalaich, Gun leugh thu MAC-TALLA gu gléusd’, Am fiùran gun sgàth Tha a ghnàth cur thairis Le naigheachdan, sanais, is sgéul. Cha ’n ’eil paipear an dràsd’ An cearn’ dhe ’n fhearann Is fhearr, an Gàilig no ’m Béurl’, Na MAC-TALLA mo ghràidh, A tha làidir, fallain, ’S gu bràth cha ’n fhailnich a cheum. Mo mhallachd gu bràth Air na Gàidheil gun chogais A dhiultas na dollair gu breun: Daoine gun ghràdh, Gun nàire, gun toinisg, Leth-Ghàidheil gun onair, gun chéill; Daoine gun stàth Nach pàigheadh gu toilicht’ Gach sgillinn bhiodh orra le eubh, ’S cha chluinnteadh gu bràth Guth àrd o MHAC-TALLA, An t-àrmunn fearail, deas, treun. Mo shoraidh le dùrachd ’Dh’ ionnsuidh nam fear ud ’S gach cearna ’san eilean bheag, ghrinn, ’S an d’ rugadh na fiùrain ’S na diùlanaich gasda, Nach diùlt dha fasgadh is dion. Cho fad is a shiubhlas Le luaths gun mhaille Gach sruthan is abhainn ’san tir, Bidh m’ eudail ’s mo rùn An dùirn nam balach, ’S bidh MAC-TALLA an lathair gu sior’! Togadhmaid suas Le sunnd is le dealas Nach ceilear an ear no an iar, A chluinnear a tuath, ’S a null thar an fhearann: “Cha bhasaich MAC-TALLA gu sior’!” Bidh esan gu luath, An t-uasal smearail, A siubhal gu fearail gun sgiths Am fearann ’s an cuan, Aig dùthaich ’s aig baile, An “ceithir ranna ruadha” na tir. Oran a chaidh a dheanamh le Iain Gillios do chompanach, a dh’ eug anns na h-Innsibh leis an ol. Bha iad le chéile ’san t-saighdearachd anns an dùthaich sin. Rugadh Gillios ann an Uige, agus dh’ eug e ann an Eilean a’ Phrionnsa o chionn ochd-bliadhna-fichead. Fhuair mi naigheachd as ùr, Sgeula tùrsach gu leor, Tric a tinnsgideal ùr, Tric a mùchadh na seoid; ’S mairg a chailleadh a chliù, ’S a chuireadh ùidh anns an ol, O ni e duine na ’thràill, Gu ro àraidh duin’ og. ’S coir dhomh labhairt gun chearb, ’N àm mo sheanachas ’chur sios, ’S mi ri smaointean mar tha Gur e ’m bàs fear gun fhiamh; A liuthad oganach ùr Air a lùbadh leat sios An ciste chumhann nam bùird Air a dlùthadh gu dion. ’N uair ’bhios duine na ’oig’ Is mor a’ phrois tha na ’bheachd, Gur e smaointean air fhein ’Chaoidh nach treigear a neart. ’Nuair a thigear am bàs Cha bhi dàil aig aon neach, Cha ’n ’eil ’sa cholunn ach sgàil ’Dol fo ’n fhàd ’s i gun dreach. ’S coir dhomh smaointean mar tha, Gun bhi cur dàil ann ni ’s mo, Nach diù duine fo ’n ghréin ’Nuair a thréigeas an deo; B’ fhearr nach d’ rugadh e riamh, ’S e ri gniomharan beoil, ’S e gun fhios gu dé ’n uair Rinn e bhuadhach ’san fheoil. Iadsan a Phaigh. M. Mac-an-t-Saoir, Twin Bridges, Mont. Eachunn Mac-a-Phi, Miner, Mich. Bean Iain Dhùghallaich, Mooreton, N. D. Coinneach Mac Gilleain, New York. Iain L. Brower, New York. Caipt. C. Mac Fhionnlaidh, Toledo, Ohio. H. Mac Gille-mhaoil, Detroit, Mich. R. Mac Gilleain, Detroit, Mich. M. Mac Lachlainn, Detroit, Mich. A. Mac Lachlainn, Detroit, Mich. A. Mac Callum, Detroit, Mich. D. Camaran, Detroit, Mich. D. C. Mac-an-t-Saoir, Cleveland, Ohio. P. D. Mac Fhearghais, Cleveland, Ohio. D. Mac Callum, Cleveland, Ohio. Mairearad D. NicLeoid, Mattapoisett, Mass Iain Mac Amhlaidh, Quincey, Mass A. Domhnullach, Newton Centre, Mass Anna Nic Cuthais, Bearnaraidh, Uidhist. Murchadh Mac Gilleain, Brookside, N W T An t-Urr R L Dùghallach, Brookside, N W T Aonghas Mac Leoid, Eildear, Hilton, Man. Iain F. Mac-a-Ghobha, Fort Steele, B. C. Seumas Mac Leoid, Dawson, Yukon. Aonghas M. Friseal, Westmount, Que. Alasdair Friseal, Lost River, Que. I. S. Mac Ille-dhuibh, Pomona, Ont. Iain Mathanach, Armow, Ont. Aonghas Mac-Iain, Park Hill, Ont. Domhnull Mac-Iain, Park Hill, Ont. Neacal Mac Lachlainn, Napier, Ont. An t-Urr D L Domhnullach, Arasaig, N. S. Aonghas Caimbeul, Allt an Dotair, N. S. Mairead Nic-a-Phi, Loch Katrine, N. S. A. Mac Coinnich, Halifacs, N. S. An t-Urr R Mac Gilleain, Valleyfield, E P I Calum Mac-a-Ghobha, Belfast. E P I Iain Mac Amhlaidh, Eildear, Port Morien. Iain M. Mac Fhearghais, Eildear, Port Morien. Iain Domhnullach, Beinn Mhic-Gill-Andra. Steaphain Mac Gilleain, Abhainn Dhennis. Ruairidh Mac Rath, Abhainn Mheadhonach Fearchar Mac Rath, Abhainn Mheadhonach Mrs Nic Rath, Abhainn Mheadhonach Domhnull Mac Fhionnlaidh, Abhainn Mheadhonach Lachlainn I. Mac Illemhaoil, Loch Ainslie. Tormad Mac Fhearghais, St. Esperit. A D Domhnullach, Beinn nan Sgiathanach Uilleam Mac Pheitiris, Loch Bhlackett Ailean Mac Isaic, Broad Cove Gilleasbuig R Mac-a-Phearsain, Blue’s Mills Iain F. Siosal, Long Point Ruairidh Mac Rath, Sidni. Uilleam Buchanan, Sidni. Iain A Gillios, S W Margaree Niall Gillios (tuairnear), Orangedale Padruig S Mac-Neill, Irishvale An t-Urr Calum Mac Leoid, Baile-nan-Gall Iain S Domhnullach, Whitney Pier An t-Urr D Mac-a-Phearsain, Glendale D I Mac Isaic, Edwardsville Alasdair Mac Leoid, Allt nam Breac Donnacha Mac Aoidh, Cùl Bagh Bhaddeck D. M. Caimbeul, Beinn nan Caimbeulach. Bais. Ann am Framboise, air an 17mh latha de Iun, bean Thormaid Mhic-Ascuill, an ceannaiche, leth-cheud is coig bliadhna dh’ aois. Bha i posda ceithir bliadhna fichead. Bha i na ’mnaoi dhleasdanaich, chliùitich, air an robh mor mheas anns an sgìreachd air fad, agus bidh fior ionndrainn oirre. Bha i tinn o chionn corr is bliadhna, ach ghiulain i leis gu foighidneach gus an d’ thàinig uair a caochlaidh. Tha co-fhaireachdain aig muinntir an àite ri ’céile a dh’ fhàg i ga ’caoidh. Aig Kennington Cove, air an 26mh latha de Iun, Domhnull Mac Amhlaidh, tri fichead bliadhna dh’ aois. Bha e gu seachduin romh latha ’bhàis na ’shlàinte agus comasach air obair a dheanamh. Cha robh dùil idir gu ’m biodh e air a ghearradh as cho luath. Bha e na dhuin’ onorach, cliùteach, a rinn le dichioll is cruaidh obair dachaidh chomhartail dha fein is dhaibhsan a dh’ fhàg e na ’dheigh. Ged a bha fhoghlum gle ghann, bha deagh bhuadhan inntinn aige, agus bha e na b’ fhiosraiche a thaobh eachdraidh is cor an t-saoghail ’s a dhùthcha na moran a fhuair cothrom a b’ fhearr. Bha e na choimhearsnach math aig an robh daonnan deagh chomhairle, agus bithear ga ionndrainn gu mor. Bha e dhe ’n aon teaghlach ris a Mhorair Mac-Amhlaidh, an t-eachdraiche; bha e-féin ’s an duin’ ainmeil sin ’s na h-iar-oghaichean. Is ann againne a gheibh thu na Gloineachan Sula a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’N AR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 17] [Vol. 11. No. 3. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 8, 1902. No. 3. An Oraid Ghailig A bha air a labhairt aig coinneamh bhliadhnail Chomunn Ghàilig Inbhirnis, leis a Choirneal Iain Mac-Ghriogair, M. D. CHUIR Comunn Ghaidhlig Inbhirnis comain mhor ormsa, nuair a chuir iad cuireadh ugam tighinn air an oidhche chridheil, cheòlmhor so, air son facal no dha a labhairt ann an cainnt mhaiseach ar sinnsear. Tha comunnan de ’n t-seòrsa so iomchuidh agus feumail, airson cumail cuimhn’ air an t-sluagh agus an tìr da ’m buin sinn. Tha iad, mar an ceudna, cho feumail aig a’ bhaile ’s a tha iad bho na bhaile, cho feumail ann an Inbhirnis agus a tha iad ann an Lunnuin, cho feumail ann am Peairt agus a tha iad an Duneidin, cho feumail anns an Oban agus a tha iad ann an Canada, Australia no New Zealand; do bhrìgh ma chailleas sinn cainnt ar sinnsear aig an dachaidh, nach bi i againn, airson a cumail no call, an uair a theid sinn a null do thìrean céine. Bidh sinn ri cluinntinn gu minig a’ cheisd air a cur: “Am faigh a’ Ghàidhlig bàs?” Ach na ’m biodh sinn cho dichiollach airson a cumail beò ’sa tha sinn deònach air a bhi seinn a tuireadh, cha ’n fhaigheadh a’ Ghàidhlig bàs cho luath ’sa tha cuid ri smaoineachadh. Tha cuid ri cuir as leith na Gàidhlig nach ’eil i freagarrach no feumail air son cur an geill gnothuichean gnàthaicht’ ar caithe-beatha, o là gu là; ged tha i gle mhath airson ùrnuigh no amhran (òran), no eadhon suiridh a dheanamh innte, gidheadh nach ’eil i freagarrach airson reic is ceannachd agus gnothuichean saoghalta de ’n t-seòrsa sin. Tha so fior ann an tomhas, ach cha ’n e coire na Gàidhlig a th’ ann, ach coire nan Gàidheal. Ni cleachdadh coimhlionta. Agus na ’m biodh sinne ri cleachdadh na Gàidhlig ni ’s mo na tha sinn, bhiodh a’ chainnt ri fàs farsuinn mar tha ’Bheurla, an àite bhi searg as. Cha ’n ’eil cainnt sam bith, an uair a bhios eòlas ri meudachadh, anns nach faighear focail nach buineadh dhi o thùs. ’S iomadh innleachd agus eòlas a fhuaireadh a mach o bha Adhamh le féileadh beag de dhuilleach nan craobh ri deanamh gaol agus brìodal binn Gàidhlig ri Eubha ann an Gàradh Eden. Agus tha ’Ghàidhlig a cheart cho comasach air greim agus air feum a dheanamh air focail ùra ri cànan eile. Ach cha ruig sinn a leas airson sin a bhi measgadh na Gàidhlig le cànanan coigreach, mar bhios moran a’ deanamh, an uair a bhios focail anns a’ Ghàidhlig féin a cheart cho freagarrach, agus ni ’s freagarraiche, airson a’ chùis a chuir an ceill. An saoil sibh gu ’n tuigeadh na sean Shasunnaich gach focal Beurla ’tha na Sasunnaich ri cleachdadh aig an àm so? Cha tuigeadh; oir mar tha eòlas ri craobh-sgaoileadh, tha Bheurla ri fàs ni ’s farsuinne agus, ma dh’ fhaodas mi ’radh, ni ’s fasanta, o linn gu linn. Tha mi duilich a chreidsinn gu ’n robh na Sasunnaich anns an doigh so ni bu dilse do chainnt an sinnsear na bha na Gàidheil do ’n Ghàidhlig; oir na ’m biodh na Gàidheil cho toigheach ’s cho déidheil air a’ Ghàidhlig ’s a bha na Goill air a’ Bheurla, cha bhiodh a’ Ghàidhlig cho dìblidh ’s a tha i aig an àm so. ’S e faoinealachd agus féinealachd nan Gàidheil a mhill a’ Ghàidhlig. Thòisich uaislean ri dol suas do Shasuinn, agus ri smaoineachadh nach biodh iad uasal gu leor ann an sealladh an t-sluaigh, an uair a thilleadh iad dachaidh, na ’m biodh iad ri bruidhinn Gàidhlig, ged nach robh na Goill a riamh cho uasal fuil ris na Gàidheil fhéin. An uair a rinn na daoine mora mar so, thòisich muinntir eile ri leantuinn an lorg an ceuma. Cha bhi càil nàir’ air diùc no air tighearna Sasunnach bruidhinn Beurla, ged chluinneadh iad an tràill a’s suaraiche ri bruidhinn anns a’ chainnt sin. Ach tha moran de na Gàidheil, agus ma thachras doibh dol do Ghlaschu no Lunnuin, airson bliadhna no dha, ’s ann a bhios iad ri cumail a mach, an uair a thig iad dachaidh, gur e daoine mora bhios annta féin, ma leigeas iad orra gu ’n do chaill iad a’ Ghàidhlig, ged nach biodh a’ Bheurl’ ac’ ach gle mhabach. Bidh an leithid so ri foighneachd dé ’s fhiach a’ Ghàidhlig agus dé ’n fheum a th’ innte, airson cosnadh ar n-aran làitheil. Ach dé ’n fheum a tha ’san ite ’th’ ann an stiùir a’ choilich? Gidheadh cha bhiodh an coileach iomlan as eugmhais na h-ite; ni mo bhios Gàidheal iomlan as eugmhais na Gàidhlig. Nach cuimhne leibh, mar an ceudna, nach ann le aran a mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach focal a thig a mach—á beul na Gàidhlig! Cha ’n ’eill buill a’ Chomuinn so, cha ’n ’eil sinne leis am b’ àill seasamh coir na Gàidhlig, ri cumail a mach gu ’n dean na Gàidheil a’ chuis as eugmhais Beurla. Am fear a chumadh sin a mach, cha bhiodh e dìleas aon chuid do ’n Ghàidhlig no do na Gàidheil. Ach an aghaidh sin faodaidh sinn freagradh nach e mhàin gu ’m bu choir dàimh a bhi againn ri cainnt mhaiseach ar sinnsear, ach mar an ceudna gu ’m bi buadhan ar n-inntinn ri fàs farsuinn, le eòlas a bhi againn air cainnt no dha eile a bharrachd air a’ Bheurla. ’S e fior cheann circe nach urrainn giulan da no tri chànanan, gun uallach sam bith a chuir air ’eanchuinn. Is eutrom an t-eallach an t-eòlas. Mar is mo ar foghlum ’s ann is comasaiche bhios sinn airson ionnsachadh tuilleadh. Thuirt Festus ri Pol gu ’n robh mor fhoghlum ga ’chuir air bhoile. Na dh’ aidich Pol bochd ri so. Cha d’ aidich. Ged bha Pol na ’dhuine beag anmhuinn na phearsa, bha e anabarrach duineil agus dìleas na ’nadur. Agus na ’m b’ e ’n fhìrinn a bhiodh aig Festus, dh’ aidicheadh Pol ris an fhirinn, ged nach aidicheadh e ris a’ bhreig airson Festus no neach sam bith. Cha ’n ’eil mi-fhein ag àicheadh nach ’eil foghlum an drasda ’s a rithist ri cuir cinn air bhoile. Ach airson gach aon a tha ri call a chiall le mor fhoghlum, tha fichead ri call an ciall do bhrigh nach ’eil cinn ac’ airson foghlum no ciall a chumail. ’S cuimhne leis a mhuinntir sin agaibh a tha eòlach air na Sgriobtuirean gu bheil tri nithean a bhuineas do ’n Chrìosduidh—Creidimh, Dòchas, agus Gràdh—ach ’s e ’n Gràdh a’s mo dhiubh so. Ma dh’ fhaodas mi, ma ta, car tamull, coimeas nithean talmhaidh ri nithean neamhuidh, gun oilbheum sam bith a thoirt do ’n fhìrinn, faodaidh mi ’ràdh gu bheil tri nithean, mar an ceudna, a bhuineas gu h-àraid do ’n Ghàidheal—am feileadh beag, a’ phiob mhor, agus a’ Ghàidhlig—ach ’s e ’Ghàidhlig a’s mo dhiubh so! Ceart mar is e Gràdh a’s mo na Creidimh no Dòchas, ann an aidmheil a’ Chriosduidh, mar Chriosduidh, ’s e ’Ghàidhlig a’s mo na piob no feileadh, ann an aidmheil a’ Ghàidheil, mar Ghàidheal. Tha ghnath-fhocal am measg nan Gall: “Gur duilich a’ bhriogais a thoirt deth ’n Ghàidheal.” C’arson? Airson nach b’ àbhaist briogais a bhi air, ’s nach b’ urrainnear toirt deth an còmhdach nach robh e ’giùlan. Ach, mo thruaighe, thriall an àm sin ’s tha eagal orm nach till e tuilleadh; oir ’san linn sam bheil sinne beò, ’s ann a tha e duilich toirt an fhéilidh deth ’n Ghàidheal, ’s cha ’n e bhriogais, agus airson an aon reuson ceudna—nach bi féileadh air. Ach ged bhiodh na Gàidheil cho déidheil air an fhéileadh ’sa bha iad riamh, cha b’ urrainn e bhi orr’ an còmhnuidh. Cha bhi iad an còmhnuidh ri codal anns an fhéileadh, am bi? Agus an uair a bheir iad dhiubh am féileadh, bidh iad dìreach mar bha Samson ’nuair a ghearradh ’fhalt—cosmhuil ann an cruth ri daoin’ eile. Mar sin, a dh’ aindeoin ’s cho déidheil ’sa bhios cuid againn air sgal na pioba, cha ’n urrainn i bhi ’n còmhnuidh fo ar n-achlais, no feadan aice bhi ’n còmhnuidh na ’r pluic. Ach bu chòir do ’n Ghàidhlig a bhi aig an fhior Ghàidheal cho fad ’s a bhios teanga na ’cheann. Bha ’Ghàidhlig aig a’ Ghàidheal ma ’s robh aon chuid piob no féileadh aige, an uair a bha e ri ruith ’s ri leum, luath, lomnochd, air feadh beanntan agus gleanntan na Gàidhealtachd. Nach ’eil sibh a nis, a’ chàirdean, ri tuigsinn c’arson bu chòir duinn cumail suas na Gàidhlig cho math ’s is urrainn sinn. ’S an àite mu dheireadh, do bhrìgh gur e eisimpleir a’s fearr na comhairle, innsidh mi dhuibh mar a dh’ éirich dhomh fhéin, agus ciamar a chum mi ’Ghaidhlig na ’m chuimhne. Bha mi aon turus corr agus ceithir bliadhna deug gun chluinntinn smid Gàidhlig o neach eile. Gidheadh an uair a thàinig mi air m’ ais do ’n Ghàidhealtachd, bha ’Ghàidhlig agam ni b’ fhearr na ’n uair a dh’ fhalbh mi. Leughainn ni b’ fhearr agus sgriobhainn ni b’ fhearr i na ’n uair a dh’ fhalbh mi. ’S ann mar so a thachair: An uair a dh’ fhairich mi mi-fhein ri call na Gàidhlig, thòisich mi ri leughadh agus ri sgriobhadh na Gàidhlig, ach gu h-àraid—ri seinn na Gàidhlig; eadhon gus an àm so cha mhor gu ’n teid là seachad gun mi leughadh beagan Gàidhlig. An dràsda ’sa rithist, mar an ceudna, thòisichinn ri sgriobhadh amhran ùr Gàidhlig leam fhein, air seann fhonn a b’ aithne dhomh roimhe, no air fonn ùr a bhith- [TD 18] [Vol. 11. No. 3. p. 2] inn fhein a feuchainn a chuir ri chéile. Mar bha ’n t-àm ri ruith, bha na h-amhrain ri fàs lionmhor, gus na sgriobh mi mu dheireadh timchioll tri fichead ac’, a chlo-bhuail mi ann an leabhar do ’n d’ thug mi ’n t-ainm neònach “Luinneagan Luaineach,” oir bu luaineach mo chos agus mo chridhe fhein, an sud ’s an so, an dràsda ’s a’ rithist, ri figheadh nan amhran. Cha mhor, mar an ceudna, gu bheil aon amhran anns an leabhar nach b’ urrainn mi-fhein a sheinn, agus nach do sheinn mi iomadh uair ann an iomadh àit’ iomallach de ’n t-saoghal nach cuala ’Ghàidhlig a riamh roimhe agus, is maithid, nach cluinn i gu bràth tuilleadh. ’S iomadh uair, cuideachd, air feadh nam bliadhnachan ud, agus bliadhnachan na ’n déigh, a bha e gle choltach, air muir ’s air tìr, nach faicinn fraoch na Gàidhealtachd a chaoidh. Ach faiceadh no nach faiceadh, b’ e mo dhùrachd a bhi beò agus bàsachadh mar Ghàidheal nach treigeadh cainnt mhaiseach Tìr nam Beann, nan Gleann ’s nan Gaisgeach. Cha b’ ann airson airgiod no airson òr, cha b’ ann airson urram no glòir a rinn mi so. Cha ’n ann, ach Air sgàth na làithean fad o chian, Na làithean sin a thriall uainn. Tha mi toilichte bhi comasach air innseadh so dhuibh air an oidhche nochd, mar fhocal na firinn; cha ’n ann mar ghill’ òg ri fàgail a dhùthcha, gu dhichuimhneachadh ann am bliadhna no dha, gach rùn diomhair a rinn e, ach mar fhògrach air tionndadh dhachaidh leis ’m bu mhiann a riamh a bhi dileas do ’n Ghàidhlig agus do ’n Ghàidhealtachd. Tha mi, mar a thubhairt mi, ga ’innseadh dhuibh airson eisimpleir mar an ceudna; agus ma ni sibhse mar a rinn mise, ’s mar tha Comunn Ghàidhlig Inbhirnis a’ deanamh, cha ’n fhaigh a Ghàidhlig bàs. O, togaibh, togaibh fonn, togaibh fonn air a’ Ghàilig, A chànan ro uasal ’thug buaidh air gach cànan, Biobh dileas d’ ur sinnsear ’s do’n dileab a dh’ fhàg iad, ’S an subhachas no ’n eigin na treigibh gu bràth iad. Iain Mor nan Ord. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. X. ANNS A BHEIL CLADHACH, LEUM AGUS CAITHEAMH. BHEOTHAICH dòchas gu làidir an com dìleas Màili, air dhi guth Eachuinn aithneachadh. Bha ’h-inntinn ’san àm fo throm neul, a bha air thuar a tuigse ’mhùchadh buileach glan, na ’m biodh i moran na b’ fhaide ’san t-seòmar aognaidh, dhorcha ’san robh i, an seann chaisteal an Tuilm Uaine. B’ ann air son so a thachairt a chaidh a cur ann; oir a thaobh Uamha nan Tonn a bhi ri bùirich thùrsaich, uamhalta, gun abhsadh fo ’n t-seòmar, bha Eanruic dubh a smaointean gu ’m milleadh e reusan an duine bu treise càil, a bhith ceithir-uairean-fichead ’san dorchadas aonaranach ’san àit’ ùdlaidh so. A bharr air a sin, mar a dh’ ainmicheadh an àite eile, cha b’ ann air cumhachdan nàdair a bha so air fhàgail idir, agus thug a chailleach, Muime na h-Airidh, an deagh aire air gach ùrsgeul a b’ uamhasaiche na chéile aithris agus a dheilbh, mu na moirt ’s na marbhaidh, a thachair agus a bha gu tachairt ’san t-seòmar—mu na taibhsean, na tamhaisgean, agus gach facal eile tha ’m faclair dhùthaich nan spiorad, an eisdeachd Màili, air son sin a thoirt mu ’n cuairt na bu luaithe. Bha Muime na h-àiridh agus a maighstir ùr a deanamh an dichill gun teagamh gus an òigh Ghàidhealach—a chuir gu ’n dùlan iad, agus nach striochdadh dha ’n iarratas ’s an anail innte—a chur as a céill; agus ged a bha inntinn làidir aice, ’s i eòlach air a bhith iomadh uair na ’h-aonar an uaigneas nam beann o ’h-òige, bha i air thuar a misneach a chall, agus b’ ann mar sin na àm a ràinig guth Eachuinn i, a toirt misneach agus beath’ ùr dhi. Bha fios aig Eachunn gu ’m bu chreag chruaidh a bha ga ’chuartachadh an uair a bha e tighinn troimh ’n uamha, agus thuit a dhòchas, air dha smaointean nach robh innleachd air Màili a shàbhaladh o’n taobh ud co dhiubh, agus gu’m biodh e gu math doirbh a faighinn as air doigh sam bith eile. Thug Eachunn sgriob os a chionn le ’laimh, agus dh’ ùraich a dhòchas an uair a thainig meall de ’n chreig leis air an ionnsuidh. Thuig e ’n uair sin gu ’m bu chlach phronn ghainneamh a bha os a chionn, agus eadar e ’s Màili, agus mar sin gu ’m biodh e furasda gu leor le inneal gheur cladhach ga ’h-ionnsuidh, oir bha fios aige gu ’n robh ’n t-urlar air a dheanamh air leacan ’s na seòmraichean iosal dorcha so. Ach cha robh ùine aige air ni dheth so a dheanamh a nis, oir thainig guth Iain Mhóir uige ga ’ghreasad a mach ’san lionadh a tighinn, ’s iad an cunnart an glacadh leis na tuinn. Mar sin le facal na dha misnich do Mhàili ’s a gealltainn tilleadh an ath oidhche ga ’sàbhaladh dh’ fhàg iad an t-áite, agus b’ ann na àm, oir mu ’n d’ fhuair iad a mach bha na tuinn ag eiridh cho bras ’s gu ’n robh an cinn, ’s iad na ’n crùban ’sa bhàta, a bualadh am mullach na h-uamha. Air an ath oidhche bha na fir aig beul na h-uamha, ’s Gilleasbuig beag na ’n cuideachd, a feitheamh ri tilleadh an làin, agus cho luath ’sa fhuair iad a stigh chaidh Eachunn gu obair le uile dhichioll, le pios do sheann chlaidheamh a chuir làmh ghléusd Iain Mhóir air dòigh dha. Bha mar an ceudna coinneal aige gu solus air a deanamh air pàirt de ’n gheir a bh’ aig Gilleasbuig ma seach. Cha robh Iain Mór riamh cho diombach dhe ’mheudachd ’sa bha e ’n oidhch’ ud, o nach leigeadh i leis a dhol a chuideachadh a charaid; ach chinn Gilleasbuig gu math feumail a tarruinn a mach na bha Eachunn a leagail. B’ ann an ath latha bha na cluichean Sasunnach gu bhith aig Caiptean Eanruic an onair a charaide mor, Seanalair Fits-Eòin, agus mar sin bha toil aig na fir an obair a chriochnachadh an oidhch’ ud na ’m b’ urrainn iad idir. Bha e cur ioghnadh gu leor orra c’arson a bha Eanruic a dol a chumail chluichean, no a chuireadh dhaoine thun an t-seann chaisteal fhalachaidh so, an uair a bha caisteal Strath Ghlinn fhein fo ’riaghladh ’s moran na bu fhreagarraiche; ach faodar a ràdh nach b’ ann le ’thoil a bha so mar so. B’ ann is tuilleadh ’sa chòir do dhriuchd nam beann na ’cheann an cuideachd an t-seanalair a dh’ innis e dha mu chaisteal an Tuilm Uaine, agus chòrd e cho math ris an duine mhor sin ’s gun tug e air gealltainn fhàilteachadh ann leis gach greadhnachas, an uair a rachadh e dh’ amharc air, an àite caisteal Strath Ghlinn, far na gheall e sin a dheanamh.—Dh’ obraich Eachunn cho math ’s gu ’n do ràinig e leacan ùrlair a’ phrìosain aig Màili mu ’n do thill na tuinn luasganach, ach an uair a bha e dol a dh’ fheuchainn ris na leacan a thogail air son Màili fhaighinn leis, thàinig guth Iain Mhóir ga ’ghreasad a mach, ’s ged bu chruaidh leis b’ fheudar dha a fàgail gus an ath oidhche. Gu math moch ’sa mhadainn thoisich gach seòrsa bàta air cruinneachadh aig gob Rudha na h-osnaich, gus mu dheireadh an robh àireamh mhor ann, air a h-uile dath is cumadh a chunnaic sùil riamh an Alba. Ann an ùine ghearr chaidh iad an òrdugh, na ’n da shreath, mu fhichead shlat o chéile. Mun do thàrr iad a bhith mar sin nochd a bhìrlinn riomhach a bha giulain an t-seanalair mhoir, a bha na ’sheasamh gu móralach fo ’n bhrataich. Dh’ fhàiltich na saighdearan e gu fuaimneach, na ’n seasamh air gach taobh ’s na bàtaichean, air dha seòladh suas eatorra thun a’ chidhe bhig a chaidh a dheanamh air a shon, far an robh Caiptean Eanruic fhein ga ’fheitheamh le ’chuid oifigich. An deigh gach ioghnadh a bha mu ’n cuairt fhaicinn, agus iad fhéin a shàsachadh aig cuirm ’san fhìor dhòigh Shasunnaich, thòisich na cluichean, agus bha iad nan teas suas mu leith-fheasgar. Bu phròiseil, spaideil Caiptean Eanruic, ’s dùil aig’ air an fheasgar ud sluagh an t-saoghail gu leir a bheatadh air a chruith-leum. Bha fios aig na h-oifigich a bha fodha ’s aig na saighdearan air na bha na uigh, agus air na dòchasan àrd a bha e ag altrum, ’s mar sin bha fios aca ged a rachadh ac’ air, no aig cuid dhiubh co dhiu, gu ’m pàigheadh e gu mor na b’ fhearr dhaibh leigeil leis a chaiptean am beatadh gu léir. Mar sin an uair a thàinig àm na deuchainn ’sa thàinig an caiptean thun na h-ionaid an robh dùil aige urram a chosnadh dha fhéin ’s dha dhùthaich, bhual iad uile am basan, ga ’chur suas do ’n treas neamh an glòir. Cha robh de dh’ aodach uime air son a bhith aotrom na bheireadh a phoit bheag bhar an teine. Thòisich an leum. Sheas an caiptean mar fhuamhaire losguinn, is ghearr e cheud leum, agus a thaobh e bhith aotrom ’s a ghaoth na ’chùl an uair a dh’ éirich e cha do stad e gus an deach e sia troidhean. Chaidh iolach àrd a thogail air dhaibh so a thomhas, agus an uair a fhuair an caiptean a mach gun deach e suas ri troidh seachad air na bha dùil aige, is gann a chumadh e ’n spiorad a dhùisg gun a cholunn chrion a spreadhadh as a chéile le pròis. Dh’ fheuch na h-oifigich ’s na saighdearan na dheigh sin, ach bha iad gu léir troidh air dheireadh air a chaiptean, a bha na sheasamh le ’lamhan an ceannamh a leas, is fiamh gàire air a ghnùis ga ’n amharc. B’ ann ’san àm so a thainig Iain Mór agus Eachunn; ’s air do ’n fhear mu dheireadh dhe na Sasunnaich an leum a ghearradh, chaidh Eachunn air adhart na ’àite agus sheas e air an làraich. “Tha thu air tighinn, ’òganaich!” ars’ an caiptean; “is math an t-àm. Feuch an teid agad air tighinn suas ris a sin!” ’s e tomhadh a chorraig ri làrach a dha shàil fhein. Theannaich Eachunn a shàiltean ri chéile, ’s fo dheise thruim Ghàidhealaich ’s le bhreacan dlùth ballach chruinnich e e-fhein is dh’ éirich e o thalamh, ’s cha do bhual e rithist e gus an deach e sia troidhean seachad air leum a chaiptein, a cur ioghnadh an uamhais air na bha làthair. “An fhoill! an fhoill!” ghlaodh an caiptean, “’s e ghaoth a thog e! Nach fhaic sibh na sgiathan a th’ air! Ghearradh duine marbh leum ach na h-uiread ud de dh’ aodach sgaoilte bhi mu ’n cuairt air!” Cha dubhairt Eachunn guth, ach thionndaidh e is sheas e far ’n do bhuail a dha shàil, agus leum e air ais agus leth troidh na b’ fhaide an aghaidh na gaoithe. Cha robh ’n corr aig a chaiptean ri ràdh; dh’ fhàs aghaidh dearg, is thug e sùil ghuineach air a Ghàidheal òg a chuir am fear sin na b’ fhearr air fhaicill. Thòisich a nis caitheamh an ùird mhóir, ach b’ e na rionnagan faoine dh’ fheuch an toiseach air son an t-eadar-dhealachadh a nochdadh na bu shoilleire, an uair a chaitheadh a ghrian dhearrsach fhéin, an seanalair mór, e. Mu dheireadh sheas e na ’àite cho geal ri aingeal, ’s ma bha bualadh bhas ann an uair a bha ’n caiptean air a stòl, theab iad an cnàmh a nis. B’ e té de chluichean na dùthcha a bha so, is bha cóig no sia de dh’ ùird mhora ann, trom is aotrom, mar a fhreagradh air na coimpirean. B’ e òrd cumanta ’bha càch a caitheamh, ach thog an seanalair fear [TD 19] [Vol. 11. No. 3. p. 3] a dha uiread ris, car a thug iolach ait eile mach, agus ga ’chaitheamh le uile neart chuir e e cho faisg air a bhalla ri sia troidhean, agus deich troidhean seachad air caitheamhan muinntir an ùird bhig. O nach do thuit an iarmailt leis an iolach a thog na saighdearan cha tuit i le fuaim beòil gu bràth. “Cha ’n fhacas a leithid de dh’ euchd riamh fo ’n ghréin!” arsa fear thall ’sa bhos. “A bheil aon agaibh ’sa Ghàidhealtachd,” ars’ Eanruic, ’s e tionndadh sùil fhuar air Eachunn, “a chaitheas òrd mór mar sid? Mar a bheil mi meallta bha thu ’g ràdh gu ’n robh do charaid suas ri chaitheamh. Nach fhearr dha ionnsuidh a thoirt a nis?” “O,” ars’ Iain Mór, ’s e freagairt, “cha do chaith mise òrd mar sid riamh, ach air a shon sin ged tha ùine mhath o nach do dh’ fheuch mi ni mi mo dhichioll, ’s cha ’n urrainn duine dheanamh ach sin!” Bha ’n seanalair na shuidhe na ghlòir, an cathair riomhaich a thainig a mach air a shon, aig bòrd beag air an robh iomadh seòrsa dibh fhionnar, ’s e casg iotaidh gu stòlda. Thainig fiamh gàire air an uair a chunnaic e Iain a tighinn a nall a thaghadh an ùird. “Is cinnteach,” ars’ esan, ’s e leigeil as na glaine air a bhòrd ’sa cur a chasan bac thar bhac ’sa dhruim ri tacsa, “gu ’m bheil am fear so ro bheag air do shon!” ’s e tomhadh a chorraig ris an òrd mhór a chaith e-fhein, ’s a caogadh aig a cheart àm ri Caiptean Eanruic. “Tha e car aotrom, gun teagamh,” ars’ Iain air a shocair, ’s e aig a cheart àm a cromadh ’sa togail fuamhaire ùird air nach robh duine ag amharc, gun tighinn air a thogail no chaitheamh. Dh’ eirich an Sasunnach mor na sheasamh le ioghnadh an uair a chunnaic e ’n Gàidheal a togail leis an ùird uamhasaich so air son a chaitheamh. Sheas Iain Mòr air an làraich leis an òrd mhór, agus ged a bha moran dhaoine eadar e ’s am balla mór mu ’n cuairt air an àite ’san do thuit òrd an t-seanalair, cha do theich duin’ aca, a smaointean nach tigeadh òrd mór Iain a chur dragh orra, ’s cha mhò dh’ iarr Iain fhein orra gluasad. Gun mhaoidheadh, gun chleasan sam bith a null no nall, mar a bha ’n seanalair mór, chaith an Gàidheal an t-òrd, a dh’ fhalbh le fead mar pheilear gunna mhóir, is chuir gach Sasunnach a bha ga ’n cunntais fhéin cho sàbhailte, rud a bha iad, an da laimh mu ’n ceann, air dhaibh fhaicinn a dol seachad le srann os an cionn, an dùil gu ’n robh iad caillte, ach bha Iain cinnteach as a laimh, ’s cha do bhual an t-òrd mór talamh gus an deach e seachad air a bhalla. Cha do lean bualadh bhas no iolach aoibhneis euchd Iain Mhóir, ach thuit sàmhchair throm air a chuideachd, is sheall iad air a chéile, is amhrus air beothachadh ’s na h-inntinnean aca, ’s gach fear mar so ag amharc an sùil a nàbaidh feuch am faiceadh e faileas amhruis fhein mar gu ’m b’ eadh innte. Cha deach am fàgail fada an teagamh, oir thainig teachdaire gu Eanruic aig an àm le brath mu ’n sgrios a rinn Iain Mór ’s a chompanach air na saighdearan dearga am Bealach nam bó. An uair a bha ’n teachdaire réidh dhe naigheachd, thug e sùil mu ’n cuairt, ach cha deach e na b’ fhaide na Iain. Le crònan iongantach na ’mhuineil mhóir, is le aghaidh bhàn, shuath an Sasunnach a shùilean mar nach biodh e ga ’n creidsinn, agus leig e mach na briathran le car de sgriach—“Iain Mór nan Ord! Iain Mór nan Ord!”—’s e aig a cheart àm a comharrachadh a mach Iain ’s a tarruinn na b’ fhaide bho ’n chunnart. Bha so car doirbh a chreidsinn—Iain Mór nan Ord, an dearg nàmhaid, am broilleach na cuideachd. Ach bha ’n amhruis a nis air an dearbhadh, is dh’ eirich monabur na ’m measg, tùs na stoirme a bha gu leantuinn, ’s gach sùil air an dithis chompanach Ghàidhealach, a bha nan seasamh na ’m measg cho cruaidh, daingeann ri creagan glasa am beanntan dùthchasach. (Ri leantuinn). Sgeulachdan Arabianach. ALADIN. CAIB. V. AN uair a chunnaic mathair Aladin am fathach eagalach so, thuit i ann an neul. Ach chunnaic Aladin a leithid roimhe, agus cha do ghabh e eagal sam bith. Ghrad thug e an cruisgean a laimh a mhathar, agus thuirt e ris an fhathach: “Tha ’n t-acras orm; thoir do ’m ionnsuidh ni eiginn a dh’ itheas mi.” Mach a ghabh am fathach, agus ann am mionaid thainig e air ais agus mios mhor airgid air a cheann. Anns a’ mheis so bha da thrinnsear dheug airgid luma-lan de na h-uile seorsa bidh a b’ fhearr na cheile. Ann an da thrinnsear eile bha sia arain gheala, agus da bhotul fhiona, agus bha da chupan airgid aige, fear anns gach laimh. An uair a chuir e na nithean so air a’ bhord, chaidh e as an t-sealladh. Thachair so uile fhad ’s a bha mathair Aladin anns an neul. Ghrad thug Aladin lamh air uisge, agus thilg e boiseag dheth air aodann a mhathar, a chum a toirt as an neul. Ann an uine ghoirid dhuisg i as an neul, co dhiubh ’s e faileadh a’ bhidh no ’n t-uisge a dhuisg i as an neul, cha ’n ’eil fhios againn. “A mhathair,” ars’ Aladin, “na cuireadh ni sam bith curam oirbh. Eiribh agus gabhaibh rud de ’n bhiadh. Cumaidh e bhur cridhe ribh. Tha mi fhin gle fheumach air ’s mi gus mo tholladh leis an acras. Na leigibh le biadh math a dhol o fheum. Grad bhithibh na bhad.” Bha ioghnadh anabarrach oirre an uair a chunnaic i a’ mhios mhor airgid, an da thrinnsear dheug, na sia arain, an da bhotul fhiona agus an da chupan, agus a dh’ fhairich i faileadh cubhraidh a’ bhidh bhar nan trinnsearan. “A mhic,” ars’ ise, “co dha tha sinn fo fhiachan air son a’ mhor-phailteis so? An cuala an righ gu robh sinn ann an eis cho mor, agus an do chuir e an cuideachadh ugainn?” “Coma leibh co a thug dhuinn e, a mhathair,” ars’ Aladin, “suidheamaid aig a’ bhiadh, agus gabhamaid ar sath dheth. Tha sibh fhein cho feumach air deadh bhiadh riumsa. An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail innsidh mi dhuibh mar a fhuair sinn e.” Shuidh iad le cheile aig a’ bhord, agus o ’n a bha am pailteas aca air am beulaobh ghabh iad an sath dheth. Ach cha b’ urrainn mathair Aladin a suil a thogail bhar na meise agus nan trinnsearan. Ged nach b’ urrainn i radh co dhiubh a b’ airgiod iad gus nach b’ eadh, bha e ’na ioghnadh leatha an leithidean do shoithichean maiseach a bhith air bord air a beulaobh. Cha robh cabhag sam bith air a h-aon aca gu eirigh o ’n bhord, agus o ’n a bha a chuirm agus an comhradh cho taitneach dhaibh le cheile bha am na dinnearach ann mu ’n do smaoinich iad air caruchadh o ’n bhord. Bhuail e ’s a cheann aca gu ’m bu cho math dhaibh an dinnear a ghabhail mu ’n eireadh iad o ’n bhord. Rinn iad so. Ged a dh ’ith iad pailteas, dh’ fhag iad gu leor air son na suipearach, agus na dheanadh a’ chuis dhaibh an la-iar-na-mhaireach. An uair a thog mathair Aladin na soithichean, agus na dh’ fhag iad de ’n bhiadh bhar a bhuird, shuidh i ri ’thaobh air a bheingidh. “Aladin,” ars’ ise, “innis dhomh a nis ciod an comhradh a bh’ eadar thu fhein agus am fathach an uair a bha mise anns an neul.” Dh’ innis e dhith facal air an fhacal. Chuir na dh’ innis e dhith a’ cheart uiread a dh’ uamhas oirre ’s a chuir an sealladh a chunnaic i de ’n fhathach; agus thuirt i, “A mhic, ciod ar gnothach-ne ris na fathaich? Cha chuala mi iomradh riamh gu robh comhradh no comunn aig duine o ’n d’ thainig sinn ri h-aon dhiubh. C’ar son a labhair am fathach oillteil ud riumsa? C’ar son nach do labhair e riut fhein o ’n a chunnaic e roimhe anns an uaimhe thu?” “A mhathair,” ars’ Aladin, “cha b’ e sud am fathach a chunnaic mise ’s an uaimhe idir. Tha e coltach ris gun teagamh; ach cha b’ ionnan earradh dhaibh. A bharrachd air sin, cha ’n ann fo ’n aon mhaighstir a tha iad. Tha cuimhne agaibh gu ’m b’ e seirbhiseach an fhainne a gharm am fathach a bh’ anns an uaimhe dheth fhein. Ach thuirt am fathach a labhair ruibhse gu ’m b’ e fhein seirbhiseach a’ chruisgein a bha agaibh ’n ’ur laimh. Tha mi ’creidsinn nach cuala sibh ciod a thubhairt e, oir thuit sibh ann an neul mu ’n gann a labhair e. “Ciod e tha thu ’g radh!” ars’ a mhathair. “An ann a chionn gu robh an cruisgean ’nam laimh a labhair e riumsa? A mhic, cuir an cruisgean as mo shealladh, agus na faiceam e gu brath tuilleadh. B’ fhearr leam gu mor ’ga reic na dhol an cunnart mo bheatha chall leis an eagal ma bheanas mi tuilleadh dha. Agus ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, cuiridh tu am fainne uat mar an ceudna, agus cha bhi cuid no gnothach agad ris na fathaich. Mar a dh’ innis ar faidh dhuinn, cha ’n ’eil annta ach na droch spioraid.” “Le bhur cead, a mhathair,” fhreagair Aladin, “bheir mise an aire nach reic mi an cruisgean air chall, mar a bha mi air thuar a dheanamh. Faodaidh e feum math a dheanamh dhomh fhein ’s dhiubh fhein fathast. Nach fhaca sibh fhein am feum a rinn e dhuinn cheana? Cha bhi eis sam bith oirnn fhad ’s a bhios e againn. Nach math a dh’ fhaodas mise agus sibhse a thuigsinn mur b’ e gu bheil an cruisgean anabarrach luachmhor, nach gabhadh an duine aingidh a bha cur an ire dhuinn gu ’m b’ e-fhein brathair m’ athar, uiread de dhragh ’s de shaoithair air son greim fhaotainn air ’s a ghabh e. Ged a bha fios aige gu robh ni gun choimeas a dh’ or ’s a dh’ airgiod, agus de sheudan luachmhor anns na seomraichean troimh an deachaidh mise, cha robh annta gu leir ach neoni ’na shuilean an coimeas ris a’ chruisgean. Is math a bha fios aige gu bheil e anabarrach luachmhor. A nis o ’n a fhuair sin a mach gu bheil a leithid de bhuaidh ann, deanamaid am feum a’s fhearr a dh’ fhaodas sinn dheth, agus cumamaid a’ chuis cho balbh ’s is urrainn dhuinn, air eagal gu ’n gabh na coimhearsnaich eud is farmad ruinn. Ach o ’n a tha eagal agaibhse roimh an fhathach, cuiridh mise an cruisgean far nach cuir e dragh sam bith oirbh, agus far am bi e deiseil ri mo laimh fhein ge b’ e uair a bhios feum agam air. A thaobh an fhainne, cha chuir mi uam e air chor sam bith. Mur b’ e am fainne cha robh mise beo gus a so; agus nam biodh e ’gam dhith, cha ’n ’eil fhios am bithinn beo tiotadh. Air an aobhar sin, tha mi an dochas nach bi síbh an aghaidh dhomh e bhith air mo mheoir an comhnuidh. Cha ’n ’eil fhios agaibhse no agamsa ciod an cunnart no an gabhadh anns am faod sinn a bhith ’na dheigh so, agus mar sin faodaidh gu ’m bi feum againn fhathast air an fhainne. Thug a mhathair a lan aonta do na beachdan a bh’ aig Aladin, oir thuig i gu robh gach ni a thubhairt e ceart gu leor. Thuirt i ris e dheanamh mar a thogradh e fhein, agus nach biodh cuid no gnothach aicese gu brath ri aon de na fathaich. Air an ath oidhche chuir iad crioch air na bha de bhiadh a staigh aca. An la-iar-na-mhaireach thug Aladin leis fear de na trinnsearan airgid ’na (Air a leantuinn air taobh 22.) [TD 20] [Vol. 11. No. 3. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna $1.00 Sia Miosan .50 Tri Miosan .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OGUST 8, 1902. Rabhadh do Bhalfour. CHA ’n eil rioghachd no dùthaich air am bheil na paipearan-naigheachd a’ toirt eòlais dhuinn anns am feum a’ phàrlamaid a bhi cho umhail do thoil an t-sluaigh’s a dh’ fheumas pàrlamaid Bhreatuinn. Tha sluagh na dùthcha sin na ’s eòlaiche air an dleasdanas agus ga ’choilionadh na ’s fhearr na tha sluagh rioghachd sam bith eile. Tha iad furachail, geur-chùiseach mu chùisean riaghlaidh, agus cha thric leotha mathanas a thoirt do fhear-stàite a theid air seacharan gus an dean e deagh aithreachas. Cha ’n eil iad cho ceangailte ri pàirtidhean ’s a tha sinn eadhon ann an Canada, agus cha teid blàr an taghaidh daonnan leis an taobh a’s treasa. Bha so air a nochdadh as ùr le taghadh a bh’ ann an Leeds, an Sasuinn, air an darna latha dhe ’n mhios so. Mar a tha fios aig ar leughadairean, bha pàrlamaid air a taghadh ann am Breatunn ’sa bhliadhna 1900, leis an robh stiùir na stàite air a h-ath chur an laimh Shalisbury agus a phàirtidh, na Conservatives. Bha cogadh nam Boerach an uair sin faisg air bliadhna dh’ aois. B’ iad na Conservatives a bha riaghladh nuair a thòisich e. B’ e ’n dòigh-san air a chumail air adhart a b’ fhearr leis an t-sluagh na dòigh nan Liberals, agus b’ i am breith gu ’m bu chòir cothrom a thoirt dhaibh air a thoirt gu crìch. Rinn iad sin, agus le cliù is onair do ’n dùthaich. Ach air a’ bhliadhna so rinn an riaghladh mearachd no dha nach robh fior thaitneach leis an t-sluagh. Anns a’ cheud àite chuir iad cìs chusbuinn air gràn—cìs gle bheag, ach bu chìs i—agus dhaor i aran an duine bhochd, ’s ghabh an sluagh eagal gu ’m b’ e bha ’m beachd an riaghlaidh cùl a chur ri aidmheil na Saor Mhalairt. Anns an dara àite, thug an riaghladh a stigh “bill” air-son lagh ùr sgoile dheanamh do Shasuinn, lagh leis am biodh na sgoilean ann an tomhas mor air an riaghladh le cléir na h-Eaglais Shasunnaich. Chuir so diomb mhor air muinntir nan eaglaisean eile, agus air àireamh nach bu bheag ’san Eaglais Shasunnaich fhein a tha dhe ’n bharail gu ’m bu chòir guth a bhi aig an t-sluagh, agus aig an t-sluagh uile, ann an riaghladh nan sgoilean, o’n is e ’n cuid airgid a tha ga ’n cumail suas. Bha ’n da ni so, cìs a ghràin agus lagh ùr nan sgoilean, aig an t-sluagh an aghaidh an riaghlaidh nuair a thainig Balfour gu bhi na ’phriomhair. Aig an àm sin rinneadh morair de dh’ aon de bhuill Thigh nan Cunnantach, agus gus àite ’n fhir sin a lionadh, bha taghadh ann. B’ ann an Leeds a bha ’n t-àite-suidhe falamh, àite bha air a mheas cinnteach, anns an d’ fhuair an Conservative a stigh ’sa bhliadhna 1900 le 2137 bhòt a bharrachd air an Liberal. Ach air an darna latha dhe ’n mhios so, an deigh do ’n chath a bhi air a chur a thaobh cìs a’ ghràin is lagh nan sgoilean, bha Liberal air a thaghadh le 758 bhòt a bharrachd air a’ Chonservative. Tha so an deigh iomguin mhor a chur air Balfour ’s air a phàirtidh, agus thatar a’ deanamh a mach nach dean e uiread atharrachaidh anns a chomhairle ’s a bha e cur roimhe, air eagal nuair a theid iad a shireadh ath-thaghadh gu ’n tachair dhaibh mar a thachair ann an Leeds. Tha ’n Times a toirt rabhaidh dha e ghrad thoirt oidhirp air reachdan a dheanamh a bhios feumail do ’n dùthaich, agus e nithean a tha gu soilleir an aghaidh toil an t-sluaigh a sheachnadh. ’S ann air an dòigh so is àbhaist do na Breatunnaich an seirbhisich ’sa phàrlamaid a smachdachadh nuair a theid iad bhar slighe ’n dleasdanais. Tha leasan luachmhor ann do mhuinntir Chanada na ’n gabhadh iad e. Bidh sinn gu tric a’ toirt cliù oirnn fein mar shluagh a tha ann an iomadh dòigh astar math air thoiseach air muinntir nan Eileanan Breatunnach—ach ann an cùisean-riaghlaidh tha sinn fhathast fad air dheireadh orra. A’ Leantuinn ri Cliu ar Sinnsre. IS math agus is cliùiteach an ni do shluagh a bhi measail air na daoine bho ’n d’ thàinig iad, agus a bhi gabhail an eisimpleir anns gach ni math agus euchd air son an robh iad ainmeil. Esan nach eil a cur luach dhligheach air cleachdaidhean is gniomharan a shinnsre, cha ’n fhaigh e moran urraim bho dhaoine, agus cha ’n airidh e air. ’S iad na cleachdaidhean ’s na gniomharan mu ’m bheilear a labhairt iad sin a dh’ fhaodar a mholadh an deigh amharc orra ann an solus an latha ’n diugh. Mur seas iad ris an deuchainn sin, ’s fhearr an leigeadh á cuimhne. Is ann aig a’ phuinc so a tha moran de na Gàidheil gu tric a deanamh mearachd. Cha’n eil sluagh air uachdar an t-saoghail, mur eil na Sineich leotha fein, a’s measaile air cliù ’s air gnàths an sinnsre na na Gàidheil. Tha na Sineich cho measail agus cho cuimhneach air an aithrichean ’s gu ’m bheil iad a’ deanamh aoraidh ’s a’ losgadh tùise dhaibh. Cha robh na Gàidheil riamh a’ dol cho fada sin ’sa chùis, ach bha agus tha cuid dhiubh a’ dol fada gu leòr. Nach minic le Gàidheil a bhi ’g aithris na comhairle ’thug Fionn air Oscar: “Lean gu dlùth ri cliù do shinnsre,” mar gu ’m b’ e bh’ ann, “Lean gu dlùth ri cliù is mi-chliu do shinnsre.” Ann am briathran eile, tha iad ga ’n giùlain fein mar gu ’m biodh e mar dhleasdanas orra gach cleachdadh is gnàths, math is dona, bha measg nan Gàidheal o shean a chumail suas. Co nach cuala Gàidheil a’ gabhail an leisgeil fein air son òil is misgeireachd le radh gu ’m b’ e sud nòs an aithrichean, gu robh iad cho eòlach air an uisge-bheatha ’s a bha iad air bùrn an fhuarain, nach biodh iad as eugmhais aig àm Nollaig no Bliadhn’ Uire, aig banais no aig tòrradh; agus c’arson nach leanadh iadsan na ’n ceumannan? Agus co a bha riamh an cuideachd luchd-òil nach cuala bhi ’cur sios air fear nach gabhadh drama mar dhuine nach robh airidh air a shinnsre. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil na Gàidheil a bhiodh ciontach dhe leithid sin de mhi-mhodh a’ sior dhol an gainnead, agus ’s math gu bheil; ach gus an teid iad gu h-iomlan bàs, ’s còir a bhi ga ’n cronachadh, air eagal gu ’n toir iad a chreidsinn air barrachd ’s iad fein gu bheil iad ceart, agus gu ’m bu mhodh do na Gàidheal o shean am mi-mhodh a tha iad fein a cleachdadh an diugh. Tha e iomchuidh gu leòr a bhi deanamh uaill á deagh shinnsireachd, ach is suarach an gnothuch a bhi cur ana-measarachd is mi-bheusan an latha ’n diugh os leth dhaoine bha ann ceudan bliadhna roimhe so. Cha’n eil dearbhadh sam bith againn gu ’m bu luchd-daoraich is misge na seann Ghàidheil. Tha cuid de na bàird a bh’ ann ’san ochdamh agus ’san naodhamh linn deug a’ seinn cliù mhic-na-braiche, ach cha ’n eil e ri ghabhail uaithe sin gu robh an sluagh ’sna làithean sin misgeach, ana-measarra, ni ’s mo na tha e ri ghabhail o “Dhi-moladh Moraig” is beagan de dh’ òrain shalach a sgriobh Mac-Mhaighstir Alasdair is bàird eile, gu ’m bu shluagh drabasda, mi-bheusach iad. Is ann bho na sean-fhacail a gheibhear an tuigse ’s fhearr air cleachdaidhean is beusan nan seann Ghàidheal. Bha na sean-fhacail am beul gach duine, agus air an cumail air chuimhne a chionn gu robh iad a’ cur an céill fhìrinnean is theagasgan ris an robh an sluagh gu h-iomlan a’ cur an aonta. A thaobh bàrdachd, air an laimh eile, bha moran eadhon de dh’ òrain nam bàrd a b’ fhearr air an seinn air sgàth nam fonn ris an robh iad air an cur, no a chionn gu robh briathran àbhachdach éibhinn annta a chuireadh cridhealas air cuideachd, co-dhiù bha fìrinn annta no nach robh. ’N uair a rannsaichear na sean-fhacail, ’s fior ainneamh a gheibh neach facal a bheir misneach do fhear an òil no a thaitneas ri fear a tha air a thoirt seachad do mhi-bheus. Gheibh e iomadh facal na ’m measg a’ cur sios air an da chuid, ach fior chorra fhacal, ma gheibh aon idir, a cur suas orra. ’S e ’s aobhar dha sin, gu robh a mhor chuid de Ghàidheil nan linn a dh’ fhalbh glan na ’n inntinn, agus beusach, stuama na ’n caithe-beatha, agus nach fuilingeadh iad a chaochladh a bhi air a theagasg dhaibh. Bha cuid na’ m measg, mar a tha am measg nan Gàidheal an diugh fhéin, nach robh saor o mhisg ’s o mhi-bheus, ach bha iad ainneamh, agus ma bha an sluagh ag amharc riutha, cha b’ ann air-son eisimpleir, ach air-son rabhaidh. Tha sinn a’ creidsinn nach robh moran chinneach air an t-saoghal a b’ uaisle nàdar ’s bu bheusaiche giùlain na na Gàidheil, ach coltach ri cinnich eile, bha nithean ri ’m faotainn na ’m measg a b’ fhearr a bhi as. Cha ’n eil aon an diugh beò a’s toighiche air gach ni a bha math agus ceart am measg ar sinnsre a chumail suas na am fear a tha sgriobhadh so. Ach theireadh e gu ’m bu daor an ceannach iad, na ’m biodh againn ri cleachdaidhean cronail agus saobh-chràbhadh a bha na ’m measg, no a tha air an cur as an leth, a ghabhail mar riaghailtean-stiùiridh ar beatha. Deanadh na Gàidheil uaill as an sinnsre, oir is math a dh’ fhaodas iad—cumadh iad suas cainnt, bàrdachd is ceòl an dùthcha, cuide ris gach teagasg agus cleachdadh a tha nochdadh cruadail, tréine, duinealais is deagh bheusan nan daoine bho ’n d’ thainig iad—ach ma bha teagasg mearachdach no cleachdadh cronail, gun fheum ri fhaotainn aca, dealaicheadh iad riutha sin. Agus gu bràth na leigeadh iad le daoine bhi cur mi-chliù air ainm uasal nan Gàidheal le bhi ’g ràdh, mur eil iadsan a cìsneachadh nan ana-miannan, gu ’m b’ e bhi ga ’n sàsachadh teagasg is cleachdadh an sinnsre. [TD 21] [Vol. 11. No. 3. p. 5] Naigheachdan. BAS MULADACH—Thachair sgiorradh muladach ann am mèinn Chaledonia Maduinn Dior-daoin air an t-seachduin s’a chaidh. Bha duin’ òg d’ am b’ ainm Iain Domhnullach air a mharbhadh le tuiteam guail. Bha e de mhuinntir Bhaddeck, agus b’ aona mhac bantraich e, aig nach robh de chuideachadh ach e-fein ris an amhairceadh i air son a cumail suas. BAS AITHGHEARR—Maduinn a cheathramh latha fichead de Iulaidh, fhuaireadh fear Eanruic Vanderstine marbh na ’leabaidh an Glace Bay. Bhuineadh e do Eilean a’ Phrionnsa, agus cha d’ rinn e Glace Bay a ruigheachd gus an latha roimhe sin. Bha e cho slàn ’s a b’ àbhaist nuair ghabh e mu thàmh. B’ e tinneas a’ chridhe a dh’ aobharaich a bhàs. LONG SMUIDE BRISTE—Chaidh soitheach á Norway d’ am b’ ainm Blaamanden air sgeir faisg air Canso maduinn Di-haoine s’a chaidh, agus tha e coltach gu ’m bi i air a call gu h-iomlan. Bha i air a turus á Hamburg gu New York le luchd luachmhor de bhathar Gearmailteach. Gheibhear pàirt dhe ’n luchd a shàbhaladh. Tha na sgeirean a tha timchioll Chanso anabarrach cunnartach. Chaidh àireamh mhor shoithichean a chall orra roimhe so, cuid dhiubh a chaidh fodha, mar a rinn an Tiber an uiridh, leis gach duine bha air bòrd. CRUNADH AN RIGH—Am màireach, mur tachair ni a chuireas tilleadh anns a’ chùis, bidh Righ Iomhar air a chrùnadh. Bidh greadhnachas agus mòralachd gu leòr mu thimchioll na seirbhis, ged nach faodar an coimeas ris na bha gu bhi ann na ’n robh e air a dheanamh air an latha chaidh a shònrachadh an toiseach. Os cionn gach faireachduin cridhealais is gàirdeachais a bhios am measg am t-sluaigh, bidh spiorad taingealachd airson an righ a bhi air aiseag gu slàinte an deigh dha dhol cho faisg air dorsan a bhàis. SGIORRADH BASMHOR—Feasgar Dior-daoin, air an t-seachduin s’a chaidh bha fear Isaac Ein air a mharbhadh air an rathad-iaruinn far am bheil e ’dol tarsuinn air Sràid a’ Phrionnsa. Bha e aig a chala comhla ri ’bhràthair a bha dol do Ghlace Bay, agus air a thilleadh bha aige ri dhol tarsuinn air an rathad air an robh ’n trein a’ dol a mach. Thug fear-cumail a’ gheata rabhadh dha, ach bha Ein air rothair agus shaoil leis gu’n deanadh e ’n gnothuch. Anns an ionnsuidh rug an trein air, thuit e foidhpe, agus bha e air a mhilleadh cho dona ’s gu’n do chaochail e am feadh ’s a bhatar ga ’ghiulain do ’n tigh-eiridinn. B’ Iùdhach e, agus bha e-fein ’s a bhràthair ri ceannachd an Glace Bay ’s aig Whitney Pier. OBAIR THOGAIL SHOITHICHEAN—Tha àireamh de bhailtean anns na Roinnean Iochdrach aig am bheil suil ri obair thogail shoithichean. Cha’n eil moran a’ cur an teagamh nach bi obair mhor dhe ’n t-seòrsa so a’ tòiseachadh ann an cearn air choireigin dhe na Roinnean Iochdrach mu’n ruith moran bhliadhnaichean, agus ’s i cheist gu dé ’n t-àite. Tha bailtean St. John is Halifacs ga ’shireadh ’s a’ gealltainn cuideachaidh, agus a nise tha Sidni a’ deanamh an ni cheudna. Bha coinneamh aig muinntir a’ bhaile oidhche Di-màirt s’a chaidh, aig ’n do dh’ aontaich iad da cheud gu leth mile dolair a thoirt do chuideachd sam bith a thòisicheas ri togail shoithichean anns a’ bhaile. A’ BACADH POSAIDH—Tha e na ’riaghailt aig àireamh de na bancaichean a tha ’deanamh gnothaich an Canada, nach faod duine bhios ag obair annta pòsadh gus am bi a theachd-a-stigh cho ard ri mile dolair ’sa bhliadhna. ’S e ’s aobhar dha sin gu bheil iad an dùil nach biodh duine singilte cho buailteach air airgiod a ghoid ri fear a bhiodh a togail teaghlaich air tuarasdal beag. Tha Banca Mhontreal, o chionn ghoirid, an deigh an riaghailt sin atharrachadh, a’ cur an teachd-a-stigh a dh’ fheumas a bhi aig an cuid sheirbhisich cho àrd ri coig ceud deug dolair. Tha moran dhe ’n bharail nach eil e glic a bhi ’cur a’ phòsaidh á comas dhaoine le riaghailtean dhe ’n t-seórsa so, agus a thaobh Banca Mhontreal, tha a’ chùis ri bhi air a cur air beulaobh Mhorair Strathcona, ceannard a’ bhanca. Ma ’s fior an sgeula, phòs an duin’-uasal sin nuair nach robh e ’cosnadh ach ochd dolair ’san t-seachduin, agus bu choltach nach biodh e ’faicinn iomchuidh daoin’ òg’ an latha ’n diugh a chumail singilte gus am biodh an tuarasdail còrr ’s a thri uiread sin. Na Maighstirean Sgoile. Tha na fir a tha deanamh ceaird de chumail sgoile a’ sior fhàs gann anns gach cearna de Chanada. Is e ’s aobhar dha sin gu bheil na tuarasdail air an deanamh na ’s lugha bho bhliadhna gu bliadhna, co-dhiù nach eil iad a cumail suas ris na tuarasdail a thatar a’ pàigheadh air-son obair eile. Tha so na ’ghnothuch bochd. Cha ’n eil ni air ’m bu chòir do ’n dùthaich a bhi ni bu toighiche na air sgoil is foghlum a thoirt do ’n òigridh, ach tha e ro-choltach gu bheilear ann an iomadh cearna a’ fàs suarach uime. Air an eilean so fhein cha’n eil bliadhna dol seachad nach bi àireamh de sgìreachdan gun sgoil idir, agus tha an ni ceudna fior ann an cearnan eile. Eadhon an Ontario, a’ chuid a’s beairtiche ’s a’s adhartaiche de Chanada, tha tuarasdail luchd-teagaisg nan sgoilean ri ’n gabhail air a cheile, an diugh ni ’s lugha na bha iad deich no fichead bliadhna roimhe so. Agus thatar a’ gearain gu mor air cho gann ’s a tha na fir am measg an luchd-teagaisg. Cha’n eilear idir a’ deanamh tàir air na ban-sgoilearan; tha iad ri obair mhath, agus ann an cuid de sgoilean, tha iad na ’s soirbheachaile na na fir. Tha sgoilean eile ann, co-dhiu, anns nach dean iad an aon uiread fheuma ’s a ni na fir. Ach cha ’n eil na fir a’ dol a dh’ fhuireach aig cumail sgoile nuair a ni iad moran na’s fhearr aig obair a’s aotruime agus a’s fhearr a chòrdas riutha. Ma tha foghlum ri bhi aig an òigridh a tha ’g eiridh suas ’san dùthaich feumaidh an sluagh a bhi deònach an luchd-teagaisg a phàigheadh na’s fhearr na tha iad a’ deanamh aig an àm so,—cho math ’s gu’m bi an luchd-teagaisg a’s fhearr deònach fuireach ris an sgoil mar obair am beatha, an àite bhi deanamh lighichean is luchd-lagha dhiubh fein, da sheòrsa dhe ’m bheil gu leòr ’s ri sheachnadh anns an dùthaich cheana. MINISTEIR UR ST. ANDREW’S—Bha Maighstir Clarence Mac-Fhionghain, a bha roimhe so ann a Halifacs, air a phòsadh ri eaglais St. Andrew’s oidhche Di-ciaduin. Bha coithional mor cruinn, an eaglais faisg air a bhi cho làn ’s a chumadh i. Rinn an t-Ollamh Gordon, á Halifacs, an searmon; rinn Maighstir Mac-Glaisein am pòsadh; dh’ earalaich Maighstir Jack am ministeir, agus Maighstir Mac Gillemhaoil an sluagh. A bharrachd air Cléir Shidni bha an làthair àireamh mhor de mhinisteirean á àiteachan eile, am measg chàch na h-Urramaich Domhnull Mac-Odrum á Moncton, N. B.; A. K. Mac Gillfhinnein á Boston, agus an Dotair Mac-Thamhais á Toronto. Tha Maighstir Mac-Fhionghain ag inntreachadh air obair ann an Sidni fo dheagh mhisnich air gach taobh. Bha an gairm a thug ann e làidir agus gu ìre gle bheag, aontachail. Mur eil sinn am mearachd, b’ e a cheud mhinisteir a fhuair gairm an Ceap Bhreatunn do choithional nach d’ fhuair cothrom air a chluinntinn a’ searmonachadh. Tha sinn an dòchas gu ’n lean soirbheachadh mor a shaothair ann an coithional St. Andrew’s. Naigheachdan Gaidhealach. EAGLAIS UR CHALUM CHILLE AN GLASCHU. Bha clach-stéidh na h-Eaglais so air a leagail o chionn ùine ghoirid leis an Ollamh Urramach Tormad Mac Leòid, mac-bràthar “Charaid nan Gaidheal,” a bha cho fada na mhinisteir anns an eaglais so. Chaidh clach-stéidh na seann eaglais ann an Sràid-an-Dòchuis a leagail a bhliadhna a chaidh a Bhan-rìgh a chrùnadh agus tha h-uile dòchus gu’m bi an Righ air a chrùnadh am bliadhna fhathast agus mar sin bidh leagail clach-stéidh na h-eaglais ùir agus crùnadh an rìgh air an aona bhliadhna. Tha coltas air an eaglais ùr a bhi na h-aitribh mhaisich agus anns gach dòigh airidh air ainm agus eachdraidh na h-eaglais a tha air a sloinneadh air Calum Cille, agus air am bheil Gàidheil anns gach cearna eòlach.—Highland News. ARD CHEANN NA PARLAMAID. Bidh e ’na thlachd do mhòran do na Gàidheil gur h-e an t-uasal onorach A. J. Balfour a tha a’ gabhail àite bràthair a mhàthar am Morair Salisbury. Tha esan a nis ’na àrd cheann air riaghladh na rìgheachd so; agus tha muinntir na h-Alba làn do phròis, ma tha am facal sin ceart, gu ’m bheil Albannach ann an suidheachadh cho onorach. Tha so ’na thlachd leinn ged nach ’eil e a’ ciallachadh gu’m bheil sinn air a thaobh-san ann an gnothuichean coitcheann ar rìgheachd. Bidh e ceart a ghnàth a bhi ag aideachadh buaidh fòghluim, uailseachd, is caoimhneis ann an pearsa a tha gnètheil agus ciallach ann an cùisean na beatha so. Tha fuil a’ Ghàidheil gun teagamh anns an duine onorach so, agus tha sinn toilichte a bhi ’ga fhaicinn ann an àite agus ann an inbhe cho àrd. Tha a bhràthair pòsda ri piuthar Diùc Earaghaidheal. Tha ar luchd-leughaidh uile eòlach air Lady Frances Balfour.—Oban Times. TAING AR DUTHCHA. Tha faireachdain thaingeil air a dùsgadh feadh na dùthcha gu léir air son na sìth a tha air a h-òrduchadh eadar sinn féin agus na Dùitsich ’an Africa mu Dheas. Tha so mar bu chòir dha bhi. Cha bhi sinn a ghnàth cinnteach ás cò dhiù a bu chòir dhuinn dol a chogadh; ach ás a so tha sinn làn dhearbhte gu’m faighear beannachd shònruichte an cois na sìth. Bha guth taingealachd uime sin r’a chluinntinn ann an eaglaisean ar tìr air dùthaich ’s ’am baile. Cho fhad ’s a tha sinn a’ cluinntinn ’s a’ tuigsinn tha an taingealachd cheudna a’ rìgheachadh ann an cridheachan nan Dùitseach a tha sgìth do chòmhstri a bhiodh gun toradh éifeachdach fa-dheòidh. Rinn iadsan obair thapaidh agus iongantach ann an aobhar an saorsa fein. Bha so gun teagamh ionmholta gu leòir. Ach a nis gheibh iad gach saorsa bhios feumail fo shròl Bhreatuinn a tha cho craobh-sgaoilte feadh an t saoghail gu léir. Am measg nan Gàidheal bidh spiorad na taing; ach mar an ceudna spiorad a’ bhròin an déigh na chailleadh.—Oban Times. STUAMACHD. Tha na h-Eaglaisean uidh air n-uidh a faicinn ma tha iad ri buaidh a choisneadh air gach gnè uilc gu’m feum iad fhéin agus iadsan a tha ’gan leantainn a bhi air an sgeadachadh ann an éideadh na stuamachd, agus claidheamh na measarrachd na ’n laimh. Gun teagamh tha Comuinn Stuamachd ’an co-cheangal ri mòran cho-thionalan agus tha mar is trice am ministear air ceann gach Comunn de’n t-seorsa so, ach tha daoine ’faicinn gu ’m feum gach neach a bhuineas do na h-Eaglaisean e féin a chur ann an uidheam agus cathachadh an aghaidh na deoch-làidir a tha deanamh a leithid de sgrios am measg an t-sluaigh ma tha bhuaidh ri bhi aig an Eaglais. Cha ’n e mhàin gu bheil an t-ol cosdail ach tha e a truailleadh gach neach a thig fo a bhuaidh. Their daoine gu tric—“C’ar son a chuirinn cuing orm féin, is urrainn dhòmhsa deoch-làidir a ghabhail is fhàgail aig àm air bith?” Tha mòran anns a’ bheachd so ach ’se bhochdainn gur ainmig leòsan a bhios ri bòsd de’n t-seorsa so gloinne “fhàgail.” Cha’n ’eil drongair ’s an duthaich an diugh nach robh aon uair de’n cheart bheachd so, ’se sin gu’n rachadh aig air “fhàgail” ’nuair a thogradh e féin. Ach mo thruaigh, dh’fhalbh sin, agus a nis rachadh e mar leud roinein de ’bheatha airson gloinne uisge-bheatha. Cha d’ fhàs duine riamh ’na dhrongair ann an aon latha, seadh na ann an aona bhliadhna. Mo chàirdean is fearr a bhi cinnteach na bhi caillteach. Cha do rinn Stuamachd coire do mhac màthar riamh. An gabh so ràdh mu ’n òl?—Highland News. [TD 22] [Vol. 11. No. 3. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 19.) bhrollach, agus chaidh e feuch am faigheadh e reic dha. Thachair Iudhach ris air an t-sraid, agus thug e a leith-thaobh e feuch an ceannaicheadh e an trinnsear uaithe. Bha an t-Iudhach cho gleusta, agus ghrad ghabh e amhrus nach robh Aladin suas ri reic no ri ceannachd. Rug e air an trinnsear as a laimh, agus sheall e gu geur air. An uair a dh’ aithnich e gur e fior airgiod a bh’ ann, dh’ fheoraich e de Aladin ciod a bhiodh e ag iarraidh air a shon. Thuirt Aladin ris gu ’n tugadh e dha air a thairgse e, o ’n a bha e ’smaointean gu ’m bu duine ceart, onorach e. Chuir so ioghnadh mor air an Iudhach. Dh’ aithnich e nach robh Aladin a’ tuigsinn cho luachmhor ’s a bha ’n trinnsear, agus thug e bonn oir as a phocaid agus thairg e do Aladin e. Ghabh Aladin am bonn gu toileach, agus e an duil gu ’n d’ fhuair e lan phris air an trinnsear. Ach b’ fhiach an trinnsear tri fichead bonn air. Cho luath ’s a fhuair Aladin am bonn oir ruith e air falbh cho luath ’s a b’ urrainn dha. Ghabh an t-Iudhach aithreachas a chionn am bonn oir a thoirt air son an trinnsear, agus bha e air son falbh as deigh Aladin; ach cha robh sgeul aige air Aladin. Mu ’n d’ rainig Aladin dhachaidh, dh’ iomlaidich e am bonn oir, agus cheannaich e aran a thug e dhachaidh gu ’mhathair. Thug e dhith an corr de ’n airgiod, agus cheannaich i tuilleadh bidh leis, a chum suas iad car uine. Cha robh eis sam bith orra fhad ’s a mhair ’na trinnsearan; oir reic Aladin fear an deigh fir dhiubh ris an Iudhach air a’ cheart phris a fhuair e air a’ cheud fhear. Cha leigeadh an t-eagal leis an Iudhach, gleusta ’s mar a bha e, na bu lugha na aon bhonn oir a thairgse do Aladin. Cha robh aca mu dheireadh ach a’ mhios a reic. Bha i cho trom ri deich dhe na trinnsearan. O ’n a bha i cho trom ri giulan ’s ann a thug Aladin air an Iudhach tighinn a dh’ aon ghnothach g’ a ceannach. Thug e deich buinn oir do Aladin air a son. Chum na deich buinn so suas iad uine mhath; oir bha iad a’ tighinn beo gle mheasarra. Sguir Aladin a bhith cluich maille ri balaich bheaga uine roimhe sid, agus thoisich e ri bhith ’deanamh roghainn de chuideachd nan daoine bu ghlice agus bu tuigsiche na e fhein. Mar bu trice bhiodh e caitheamh cuid mhor de ’n uine far am biodh marsantan mora ’bhaile, agus daoine fiosrach, foghluimte a’ cleachdadh a bhith coinneachadh a cheile. Bhiodh e ag eisdeachd le mor aire ris gach ni a bhiodh iad ag radh, agus air an doigh so fhuair e fiosrachadh agus foghlum nach bu bheag. An uair a theirig na bha ’s taigh a dh’airgiod thug Aladin lamh air a’ chruisgein, agus mu ’n gann a thug e suathadh no dha air, bha am fathach ’na sheasamh air a bheulaobh, agus thuirt e: “Ciod a tha dhith ort? Tha mise deas gu umhlachd a thoirt dhut mar do sheirbhiseach, agus seirbhiseach gach neach aig am bi an cruisgean na laimh—mise agus seirbhisich eile a’ chruisgein. “Tha ’n t-acras orm,” ars’ Aladin; “thoir dhomh rud eiginn a dh’ itheas mi.” Chaidh am fathach as an t-sealladh, agus ann an uine ghoirid thainig e air ais agus a’ cheart aireamh de shoithichean airgid aige ’s a bha aige an turus roimhe sid, agus chuir e air a’ bhord iad, agus chaidh e as an t-sealladh. Thuig mathair Aladin gu robh am fathach gu tighinn, agus air eagal tachairt ris chaidh i air cheann gnothaich dhith fhein, agus an uair a thill i, bha am bord luma-lan de gach seorsa bidh. Chuir a’ chuis ioghnadh gu leor oirre, ged a chunnaic i a leithid roimhe. Shuidh i fhein ’s Aladin mu ’n bhord, agus an uair a ghabh iad na thainig riutha de ’n bhiadh, dh’ fhag iad na dh’ fhoghainn dhaibh fad da latha. Cho luath ’s a theirig am biadh dhaibh, dh’ fhalbh Aladin le fear de na trinnsearan gus a reic ris an Iudhach. Ach an uair a bha e ’dol seachad air buth or-cheard a bh’ anns a’ bhaile, mhothaich an t-or-cheard dha, agus ghlaodh e ris, agus thuirt e: “A laochain, chunnaic mi gu math tric thu a’ dol seachad agus rud agad fo d’ achlais, agus an deigh dhut a bhith ’comhradh ris an Iudhach, thug mi an aire gu robh thu tilleadh gun dad agad. Mur do mheall mo bharail mi tha thu ’giulan ni-eiginn d’ a ionnsuidh agus a reic ris. Ach is docha nach ’eil fhios agad nach ’eil ann ach an slaoightire a’s mo a tha ann am measg nan Iudhach gu leir. Cha dean neach sam bith a gheibh eolas air malairt sam bith ris. Tha mi ’g innseadh so dhut air son do mhath. Ma dh’ fheuchas tu dhomhsa ciod a tha agad na do bhrollach, bheir mi dhut lan-phris air a shon ma tha thu air son a reic; ar neo innsidh mi dhut far am faigh thu ceannaiche eile nach toir an car asad.” (Ri leantuinn.) Domhnull Ruadh Sgalag. LE “FIONN.” THA an sean fhacal ag ràdh—“Am fear a dh’ itheas feòil a sheanmhar, faodaidh e ’h-eanraich òl,” ach tha e coltach gu’n robh teagamh aig Dòmhnull Ruadh sgalag mu’n chùis. Bha Dòmhnull ’n a sgalag aig Seumas Gallda fad iomadh bliadhna ’s cha chualas duine riamh e ’gearan gu’n robh Seumas cruaidh air, no gu’n robh bean-an-tighe, Seònaid Lachainn, mosach mu ’n bhiadh. Mar sin bha iongantas air daoine ’n uair a chunnaic iad Dòmhnull Ruadh aig faidhir an t-Sàilein, agus sop ’n a bheul mar chomharradh gu’n robh toil aige dol air fasdadh le cuideigin. Có bh’ aig an fhaidhir ach Aonghas Og, agus chuir e fàilte air Dòmhnull Ruadh, a’ feòraich dheth ciod a chuir esan an tòir air àite, gu’n do shaoil leis nach fàgadh e Seumas Gallda r’a bheò. “Bha mi fhéin,” arsa Dòmhnull, “de ’n cheart bharail aig aon àm, ach dh’ fhag mi e mu dheireadh.” “Carson a dh’ fhàg thu e?” arsa Aonghas, “tha mi cinnteach gu ’n robh e ’na dheagh mhaighstir.” “Cha d’ rinn mi riamh talach air,” arsa Dòmhnull, “ach chuir an fheòil shaillte eadar-sinn.” “An é nach toigh leat feòil shaillte?” dh’ fheòraich Aonghas. “Cha ’n e idir,” fhreagair Dòmhnull, “tha mi toigheach gu leòir air feòil ghoirt.” “An robh thu ’ga fhaotainn ro thric?” arsa Aonghas, “an robh thu air do storradh leatha?” “Cha b’e sin idir a b’ aobhar,” fhreagair Dòmhnull, “so mar a bha chùis. Fhuair mart a bh’ aig Seumas Gallda bàs agus chaidh a sailleadh, agus fhad ’s a mhair i cha d’ fhuair sinn de dh’ annlan ach i. Tha mi toigheach gu leòir air mart-fheòil ghoirt, ach mar a bha ’m mi-fhortan an dàn, ’nuair a bha crioch a’ tighinn air a’ bharaille fheòla, nach d’ fhalbh dà chaora mhaol Shasunnach leis a’ ‘bhracsi,’ agus chaidh an sailleadh. Fhad ’s a mhair iad cha robh ach ‘bracsi’ air gach tràth. Nis so am fear nach cuireadh cùl ris a’ ‘bhracsi,’ ach ’n uair a bha ’n speir mu dheireadh de’n ‘bhracsi’ anns a’ phoit nach do bhàsaich muc Sheumais Ghallda—bha iad fhéin a’ cumail a mach gu ’n do thachd i i-fhéin le buntàta—ach is sgeul eile sin. Chaidh a mhuc a shailleadh, ’s fhad ’s a mhair i, cha robh dol ach i. Nis tha muc-fheòil math gu leòir na h-àite fhéin, ach fòghnaidh na dh’ fhòghnas dhi; ach cha d’ rinn mi fhéin talach. Mu dheireadh thall, ’n uair a bha mhuc-fheòil ’brath bhi réidh, nach do chaochail seanmhair Sheumais, a bha còrr ’s ceithir fichead. An latha ’n déigh a bàis thàinig Seumas an taobh a bha mi fhéin ’s mi deanamh deas a dhol an cheàrdaich a chur taruing ann an crubh an eich dhuinn, agus thubhairt e—‘’S fheàrr dhuit clach shalluinn a thoirt dhachaidh leat, ma tha thu dol do ’n chlachan.’ ‘Chì sinn,’ thuirt mi fhéin, ’s dh’ fhalbh e. ’N uair a fhuair mise a chùlaobh rium thuirt mise rium fhéin, ‘A mhic an fhir nach abair mi, ma tha thu ’m beachd gu bheil mise dol a dh’ itheadh do sheanmhar righinn, odhair, tha thu fada ceàrr—cho ceàrr ris a’ chaillich a bha ’n Cnòideart’—’s gun tuilleadh dàlach thog mi orm ’s dh’ fhàg mi e-fhéin ’s closach a sheanmhar an sud. Sin agad a nis, gu’n fhacal bréige, an t-aobhar a chuir mise air an fhaidhir so an diugh, ’s ma tha sgalag ’gad dhith théid mise leat.”—Leabhar na Ceilidh. Am Maighistir agus an Gille. Bha uair-eigin roimhe so droch thiomannan ann agus bha moran de sheirbhisich ag iarraidh aiteachan, agus cha robh moran de aiteachan ann daibh. Bha tuathanach an sin, agus cha ghabhadh e gille sam bith ach gille a dh’ fhuireadh leis gu ceann seachd bliadhna, agus nach iarradh de thuarasdal ach na ghlacadh e ’n a bheul de ’n t-siol, ’n uair bhiodh e a’ bualadh an arbhair anns an t-sabhal. Cha robh gin a’ gabhail aige. Mu dheireadh thubhairt e, gu ’n leigeadh e leo an siol a chur anns an ire a b’ fhearr a bhiodh aige, agus gu’m faigheadh iad na h-eich, ’s an crann aige fein a dheanamh an treabhaidh agus na h-eich aige fein thun a’ chliathaidh. Bha gille og an sin, agus thubhairt e, “Gabhaidh mise agad,” ’s chuir an tuathanach muinntireas air. ’S e am bargan a rinn iad gu ’m b’e an tuarasdal a bha gu bhi aig a’ ghille, na ghlacadh e de ghraineanan sil ’n a bheul, tra bhitheadh e a’ bualadh an arbhair anns an t-sabhal. Agus bha e gus faotuinn an siol sin a chur anns an ire b’ fhearr a bh’ aig an tuathanach, agus bha e gus na chinneadh air an t-siol sin a ghleidheadh, agus ciod air bith an siol a ghlacadh e ’n a bheul, ’n uair bhitheadh e a’ bualadh an arbhair, a chur comhla ris, agus sin a chur anns an ire a b’ fhearr a bh’ aig an tuathanach an ath bhliadhna. Bha e gu eich ’s crann, no goireas air bith eile a bhiodh feumail da airson cur no buain, fhaotuinn o ’mhaighstir; agus mar sin gu ceann nan seachd bliadhna. Gu ’m bitheadh aige, seachd geamhraidhean ’s an t-sabhal a’ bualadh, seachd earraich gu cur, seachd samhraidhean cinneis de ’n bharr, agus seachd fogharaidhean buana, agus ciod air bith an tighinn am mach a bhiodh ann an siol a’ ghille ’s na seachd bliadhna, b’ e sin an duais a bha gu bhi aige ’n uair dh’ fhalbhadh e. Chaidh an gille dhachaidh gu ’mhaighistir agus daonnan ’n uair bhiodh e a’ bualadh anns an t-sabhal, bhitheadh a mhaighstir a’ bualadh leis. Agus cha d’ rug e ’n a bheul, ach air tri graineanan gus an d’ thainig an t-earrach, agus chuir e iad anns an ire b’ fhearr a bh’ aig a’ bhodach. Chinn asda sin tri diasan, agus bha air gach dias, tri-fichead graine math sil. Ghleidh an gille iad sin gu curamach, agus ciod air bith graine sil air an do rug e, chuir e comhla riu iad. Chuir e iad sin a rithis air an ath earrach. Agus aig an fhogharadh a rithis bha toradh aige, cho math ’s a bh’ aige a’ bhliadhna roimhe sin. Chuir an gille seachad a shiol gu curamach, agus ciod air bith a ghlac e ’n a bheul, ’n uair bhitheadh e a’ bualadh ’s an ath gheamhradh, chuir a maille ris a’ chuid eile e. Agus mar sin do ’n ghille, o bhliadhna gu bliadhna gus mu dheireadh, a dheanamh sgeul fada goirid, gu ’n do chuir an gille, air a’ bhliadhna mu dheireadh na h-uile ire threabhaidh a bh’ aig a’ bhodach. Agus bha corr sil aige r’a chur is cha mhor nach robh am bodach air a chreachadh. B’ fheudar da mal a phaigheadh do ’n tuathanach a b’ fhaisge dha, air son ire ’s an cuireadh an gille an còrr sil a bh’ aige, agus pairt de ’n spreidh aig a chreic, a chion gruinnd air an ionaltradh iad; agus cha deanadh e bargan air a’ cheart doigh ri gille gu brath tuille. [TD 23] [Vol. 11. No. 3. p. 7] Dan Dealachaidh. Tha an t-Urr. Calum Caimbeul, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean a’ saoithreachadh gu dìleas ann an Strathalba, an Eilean a’ Phrionnsa, an deigh am paraiste sin fhàgail. Beagan ùine mu’n d’ fhalbh e, thaghail àireamh mhor de mhuinntir a’ pharaist’ air, agus an deigh dhaibh am meas air fein ’s air a shaothair na ’m measg a chur an céill, chàirich iad na ’laimh sporan airgid, mar sin a nochdadh dha nach bu chàirdeas beòil an càirdeas dha. Rinn Maighstir Caimbeul, anns am bheil tomhas nach beag de spiorad na bàrdachd, an dàn dealachaidh a leanas:— AIR FONN: “Nuair bhios mi leam fhin Bidh tu tigh’nn fa near dhomh.” Beannachd aig na suinn A bha raoir ga m’ fharraid, Ged thug mi dhuibh cùl Tha mo dhùrachd mar ribh. Thàinig sibh, a chàirdean, A thoirt crathadh làmh dhomh, O’n nach ’eil e ’n dàn domh Tuille tàmh na ’r paraisd’. Thàinig sibh gu deònach. Pàrantan is òigridh; ’S o’n thug Freasdal stòr dhuibh, Chuir sibh òr na ’m charaibh. Ged nach tiodhlac shuarach— Sporan làn a fhuair mi— ’S e gean-maith an t-sluaigh A tha ro-luachmhor agam. Chuir na mnathan gleus oirnn, ’S math an àm an fheum iad, Dh’ ullaich ìad dhuinn feusda, Is cha robh éis no gainn’ ann. Labhair sibh cho caoimhneil Mu na bha ’s na rinn mi; ’S gann gu ’n d’ thug mi taing dhuibh, Leis mar chaill mi m’ anail. Slàn le m’ chàirdean gaolach; Bha sibh riamh rium faoilidh. Gu ’n tig ceann mo shaoghail Bidh mo smaointean mar ribh. Failte Bhraidalbainn. Moch ’s a’ mhaduinn ’s mi dùsgadh, ’S trom m’ aigne ’s mi tùrsach gu leoir, A’ sior chuimhneach na dùthcha Far ’n do chleachd mi bhi ’m bhuachaille bho: Gheibhte sithionn is iasg ann, Agus ealachan lionmhor air snàmh, Coileach-dubh agus liath-chearc, ’S ciod tuilleadh a dh’ iarradh tu ann? O! fàilt air Braidalbann! Gheibhte fèidh ann, is earban, is minn, ’S iad na ’n luidhe gu cuanmhor Ann am feadanaibh luachrach is cib’; Na daimh ’sna h-éildean mu’n cuairt doibh, ’S iad na ’n luidhe air guallainn an tuim, ’S iad gu bior-shùileach, cluasach, ’Feitheamh ciod thig mu ’n cuairt anns an oidhch’. Tha iad earbsach a ’n casan, A chuir seachad na falaisg ’san fhraoich, Le ’n gasganan geala, ’S iad a’ dìreadh ri barraibh nam maol; An earbag le ’minnein, ’S i gle phriseil ga ’fholach measg fhraoch, Air eagal an fhorsair, ’Nuair thig e ’sa choin leis air thaod. Cha ’n ’eil sruthan gun iasg ann, ’S cha ’n ’eil gleannan gun fhiadh ann na choir, Le minneinibh riabhach, ’S iad na ’n laidhe gu lionar measg feoir; Damh cabrach ’s sron fhiat aig’, Gabhail gaoith’ ann an siantaibh nan neoil, Bu shunndach leam bhi ga ’n iarraidh, Ann am maduinn chiùin, ghrianach, gun cheo. Mu thoiseach an t-samhraidh, ’N àm cur cruidh air na gleanntaibh gu feur, Bhiodh eoin na coille gu rannar ’Gabhail ceileir binn greannar doibh fein: Bithidh an uiseag ’s an smeorach, ’S iad gu ceolmhor air barraibh nan geug, Is binn an luinneag ’s an oran Ann an coille nan cno leotha fein. Loch-a-tatha nam bradan, Tha ’tighinn o’n fhairge bu drabasta tonn, ’S iad gu dearg-bhallach, tarra-gheal, Iteach, meanbh-bhreac, gorm-bhallach, lom; ’S iad a’ leum ris gu colgarr’, Glacadh chuileag air bharraibh nan tonn, Tha iad lionar ’s gach linne, ’S iad a’ cladh air a’ ghrinneal ’san fhonn. ’S iomadh nionag dhonn, chanach, Tha dà thaobh Loch-a-tatha mo rùin, Ni ’s gile fo ’n anart Na an eala air bharraibh nan tonn; Càil bhinn air son ciùil ac’, Beul is milse na ’n siùcar r’a phog; ’S tha ’n anail cho cùbhraidh Ris a’ bheatha na ’m flùr ann ad’ dhorn. Aig Eaglais Chill-fhinn Bu chiatach an ni leam bhi ann, ’G eisdeachd shearmoinean priseil Anns am biodh an fhirinn gun mheang, A’ toirt dhuinn sgeul as a’ Bhiobull, Is ag innseadh gach ni mar tha ann; Sgireachd eil’ anns am bi thu Cha ’n fhaigh thu gach ni mar tha ann. ’S lionar aighear is ceol ann, Fiodhal theudach ga sgrob’ anns gach ait’, Piob ga ’sgaladh, ’s b’ e ’n ceol e, Thogadh inntinn nan oganach ard; Bhiodh gach nionag dhonn, sheolta, Fleasgach caoimhneil ’s i aige air laimh, A’ leum mar earbaig air mointich, Ann an seomar a’ mhoid ris an danns’. ’Nuair a theid thu gu féill ann, ’S iomadh fleasgach deas treun a bhios ann, Do ’n tig breacan an fhéilidh, ’S osan gearr air calp’ glé gheal nach cam, Claidheamh leathan fo ’n sgéith ac’, Laoich neo-chearbach nach géill ri àm teann, ’S iad nach géill ri àm cruadail, ’S nach bu tais an àm bualadh nan lann. Ach nan tàrlamaid comhla, Gach duine bu choir a bhi ann: Bhiodh ann Neacal an iasgaich, Is Mac Dhùghail nam fiadh as a’ ghleann, Agus Iain Mac Dhiarmaid, Duin’ iùlmhor a lionadh dhuinn dram, ’S cha bhiodh cùis ann mi-chiatach, ’S an triùir sin gu fianuis thoirt ann. ’S nam biodh cùis ann mi-chiatach, Gheibhte mod agus cùirt ann ni ’s leoir, Daoine foghainteach, cliùiteach, A chumadh gach cùis mar bu choir; Fear Achaladair rùnaich, Nach faiceadh fear diùid air a leon, ’S fear Ghlinn-Iubhair, gu tùrail, ’Toirt breith air gach cùis aig a’ mhod. C’àite ’bheil ann an Albainn Ait’ a’s fearr na Braidalbann mo rùin? Tir nan gaisgeach ’bha dileas, A’ sheasadh na firinn ’s a’ chrùin; Gheibht’ ann cruinneagan boidheach, A sheinneadh dhuinn orain bha binn. Tir nam filidh bha àluinn, ’S lionar bàrd a chaidh àrach na d’ ghlinn. Tha ’n Dil’ air an Athar. SEISD—Horin o irinn ho gù! Horin o hi ri u! Tha ’n dil’ air an athar— Uisge reamhar, trom, dlùth. Horin o, &c. Tha ’ghaoth air an uinneig, Leam ’s duilich an tùrn. Tha ’n soirbheas air caochladh Ann an aodann mo rùin. Ged a bhiodh i na b’ àirde Bhiodh mo ghràdh air an stiùir. ’S tu b’ urrainn a teàrnadh Air sàil’ no air bùrn, Ged a bhitheadh an linne Air mhire ’na smùid; ’S ged a bhitheadh mo chinneadh Ga pilleadh a nùnn. Fhir bhig nan sùl donna, Cha choma leam thu. Aghaidh shoilleir an sgàthan, ’S tu m’ àilleagan sùl. Dh’ aithnichinn thu tighinn Air dhithis no thriùir; Air chóignear no sheisear— Air dheichnear ’s e ’s mo. Gun càirinn do leaba ’S gun gleidhinn duit rùm. Gum fosglainn an dorus, ’S gun caisginn an cù. Ach fhir nan sùl daithte, ’S tu mo thasgaidh ’s mo rùn. Is fhurasda duine gun nàire ’bheathachadh. Is usa car a chur ’san teanga na ’san luing mhoir. Is usa duine ’chumail a muigh, na ’chur a mach nuair ’thig e stigh. Is glic nach meallar, ach cha ghlic a mheallar tric. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. [TD 24] [Vol. 11. No. 3. p. 8] An Gille Dubh. SEISD— An gille dubh cha tréig mi, ’S le fear a’ chruidh cha téid mi; An gille dubh cha tréig mi, O’n thug mi féin mo ghealladh dhut. Tha mo chairdean deonach, ’S iad toileach mise ’phosadh, Ri fear airson a storais— Nach gorach leibh ’n am barail iad! Is e mo ghaol an t-uasal A dh’ imich thar nan cuantan; Bu shealgair choileach-ruadh e Mu ’n gluaiseadh iad ’s a’ chamhanaich. ’N uair dhireadh tu na stùcan Le d’ ghunna caol nach diùltadh, Bhiodh coileach dubh na dùrdail A’ lùbadh bharr gach meangain leat. ’N uair theid thu thun na féille Do ’n chlachan ri la gréine, Cha ’n fhaicear measg nan ceudan Fear eugais a’ ghille dhuibh! Gur e mo ghaol an t-oigear Aig ’bheil a’ phearsa bhoidheach— Troidh chuimir am broig chomhnaird, Nach toir air feoirnein carachadh. Gur e mo ghaol an t-oigear Aig bheil a’ mheall-shuil bhoidheach; Gu ’n aithnichinn do cheum comhnard A mach air loin a’ bhaile so. Gur e mo ghaol an t-àrmunn A chaidh a nunn thar sàile; Na ’m faighinn cead mo chàirdean, Gun dàil gu ’n deanainn banais dhuit. Cha b’ ioghnadh mi bhi ’n toir ort, ’S do ghruaidhean mar na rosan; Do chneas mar chanach lointean, ’S mar ite ’n eoin do mhalaidhean. ’S ann an raoir a rinn mi bruadar Am chadal air a’ chluasaig— ’S a’ mhadainn, ’n uair a ghluais mi, Gu ’m b’ fhada bhuam an gille dubh. Gur mise th’ air mo lionadh, ’Bhi cuimhneach air do bhriathran; Gu ’m b’ fhearr nach fhacas riamh thu, Ma thug thu ’m bliadhna ’n car asam. Ma rinn thu mise ’thréigsinn Le comhairle luchd-bréige, Cha ’n fhiosrach mi fo ’n ghréin Ciod am feum a th’ anns an leannanachd. Ma rinn thu mise ’thréigsinn Le comhairle luchd-bréige, Mo mhile beannachd féin leat O’n ’s e ’s gu ’m b’ fheudar dealachadh. Cumha Do Niall Mac Eamuinn, a dh’ fhalbh a gleann beag boidheach an tobh na h-Eipheit, ris an canar Gleann a Phìobair, agus a chaidh a dh’ fhuireach gu Whitney Pier, le Aonghas B. Mac Phàrlain, Bràighe Mhargaree. Bha Niall na shàr phìobaire, na rogha greusaiche, ’s na dheagh choimhearsnach. FONN. Hó gur misde, hé gur misde, Hó gur misde leam mar thà chuis; ’S misde leam gu ’n d’ rinn thu gluasad Null gu tìr a ghuail a thàmhachd. ’S mor am milleadh air an Eipheit Na fir ghleusda bhi ga ’fàgail: Mac Gilleain, Mac Gilléalain, Is Mac Eamuinn threig an t-àite. Nuair a rainig mi an clìreadh Anns an robh thu, Neill, a’ tàmhachd, Fhuair mi ’n fhàrdaich air a dùnadh— Shil mo shùilean ’s cha bu nàr domh. Nuair a chruinnicheadh na h-eolaich ’Stigh ad’ sheomar mar bu ghnàth leo, Gum biodh cridhealas gu leor ann, ’S gheibhte ceol is orain Ghàidhlig. Dh’ fhalbh thu uainn a Gleann a Phìobair’, Chuir sin mì-ghean air mo nàdar; ’S ann ort fhein ’s air do chuid cloinne Chaidh a shloinneadh, tha iad ag ràitinn. Seinnidh Iain grinn a phìob dhuit, Seinnidh Sìn’ i agus Tearlach, Eachunn, Floraidh agus Seumas, Mary Jane, is May, is Searlot. Na ’m biodh fios ac’ anns an tir sin Air cho grinn ’sa tha do nàdar, Thogte palais a bhiodh daor ann, ’S bheirte dhut-sa saor o mhàl e. Bho nach aithne dhomh do bhuaidhean A chuir suas ort mar a b’ àill leam, ’S ann a sguireas mi de ’n oran Le bhi ’g ol air do dheoch-slàinte. Laoidh nan Ceum. (Salm cxxiv.) LE IAIN MAC ’ILLE-BHAIN. Is fior a dh’ fhaodas Israel a ràdh— Mur cùmteadh suas ar cùis le Dia nam Feart; Mur biodh ar Dia g’ ar seasamh anns a’ cheart; Trath rinn luchd-millidh aingidh éirigh suas Gu feargach, dian, g’ ar sgrios, gun iochd, gun truas; Gu cinnteach dheanteadh leo ar gearradh as, ’S ar slugadh beo, a reir mar bhreithnich sinn, Aig meud am feirg, mar ’s ceart a mheasadh leinn; ’S mar thilgear sios gach sion le tuiltean garbh’, Ar n-anam bhiodh gu h-iosal ’measg nam marbh. Na sruithean garg’ le ’n stuadhan uaibhreach, mor, Sgriosadh is bhàthadh sinn, gun iochd, fo ’n tuinn; Ach cliù do Dhia a dheonaich tearnadh dhuinn, ’S nach d’ fhuiling doibh ar sgrios gu tur ’s gu léir, Gu fuilteach, borb, le ’m fiaclan guineach, geur. Mar eun a lion an eunadair, gu beachd, Ar n-anam sgith rinn teicheadh as gu bras, Bhristeadh an eangach teann, ’s chaidh sinne as; An ainm ar Triath ar cobhair tha gu leir, A rinn le neart an saogh’l is neamh nan speur. Oran. Mo Mhàili bhinn, mheall-shuileach, Gur toigh leam fhin cruinneag a chruidh; Cailinn ciuin, ceanalta, ’S a Mhàili thug mi speis duit. Gur tusa ’chruinneag bhoidheach, A choisinn cliù gach oigear; Do ghruaidhean mar na rosan, Neo caoran og nan geugan. Tha thu shiol nam mor-fhear Aig am biodh pailteas storais,— Bhiodh gearrain ac’ air lointean, Is crodh gu leoir air reidhlean. Bu mhiann leam ’bhith ’sa chomhlan ’S an seinneadh tu na h-orain; Mar chuthaig anns an og-mhios Tha guth de bheoil r’a eisdeachd. Gur math thig gùn de ’n t-sioda, ’San fhasan ùr bu riomhaich’, Air pearsa dheas na ribhinn A thug bho chis na ceudan. Gur àluinn leam do sheomar, Le airneis de gach seorsa, Gach ni ’s an àit’ an coir da, ’S gur seolta ni thu fhein sud. Cha ’n ’eil gin ’san àite An diugh a bheireadh bàrr ort An grinneas no an càirdeas, An àilleachd no ’n deagh bheusan. Gur e fath mo thùrsa Nach robh mi fuireach dlùth dhut, ’S gu ’m faighinn tacan ùine Do chomhradh ciùin bhi ’g eisdeachd. AONGHAS BEAG. Is ann againne a gheibh thu na Gloineachan Sula a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 25] [Vol. 11. No. 4. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 22, 1902. No. 4. Iain Mor nan Ord. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. XI. ANNS AM BHEIL CUSPAIR AN SGEOIL AIR A REIS A RUITH, ’SA CHOMPANACH AIR DRAGH TLACHDAR A GHABHAIL DHA FHEIN, IS DRAGHANNAN BEAG EILE NA ’SHEALLADH. AM mealltair! an reubalach meallta! leigibh uige mi, a chladhairean!” ghlaodh Caiptean Eanruic, an uair a mhair an t-sàmhchair so mionaid no dha. “Leigibh uige mi!” ars’ an caiptean gaisgeil, ’s e aig a cheart àm air chrith le eagal ’s a cumail air chùl nan daoine bu treise ’s bu choltaiche ’sa chuideachd. Ged nach robh briathran a chaiptein ach a deanamh fior an t-sean-fhacail mu ghuth mor á balg fàis, dhùisg agus ghluais e càch thun na h-ùpraid. “Glacaibh iad, ’illean, leith bheò, ma ’s urrainn dhuibh?” ars’ an Seanalair mór agus an Caiptean á beul a chéile, ’s iad fhein aig a cheart àm a ruith gu dian ’sa chaisteal. Cha b’ ann an cuideachd a chéile a rinn iad so idir, ach gach fear air a shon fhéin, a fàgail àite na h-ùpraid gun fhios, chaidh iàd a stigh air caochladh dhorsan is thachair iad ri ’chéile am fear de sheilearan a chaisteil (am fear anns an robh am fìon) le uamhas taobh air thaobh; oir anns an dorchadas ghabh an Caiptean an Seanalair an riochd Iain Mhóir is ghabh an Seanalair an Caiptean ’san riochd cheudna. Chaidh iad mar sin gu fùchdadh a chéile, agus b’ ann an uair a fhuair an Seanalair an Caiptean an togsaid leanna an comhair a chinn ’sa fhuair e na luirgnean aige cho caol a dh’ aithnich e co bh’ aige, ’s ga ’leigeil as a bhàsadair thaitneach so, bha iad car tacain math gruamach ri cheile. Ach gun dàil thionndaidh iad an aire air an stuth a bhàthas gach trioblaid, ’s an uine ghearr bha iad an gairdeanan a cheile ’s a pogadh, ’s mar so fagaidh sinn iad ’san dorchadas a fhreagras air an seòrsa car tacain, agus theid sinn d’an t-solus, agus leanaidh sinn gaisgich a’s fhearr. Gun dàil bha na h-airm ghuineach gheur an tarruinn, ach a thaobh an t-àite bhi car cumhann, bha cothrom na b’ fhearr aig an dithis Ghàidheal air sgrios a dheanamh, air an cuartachadh mar a bha iad le naimhdean. Air an làimh eile, dh’ fheumadh na saighearan dearga bhi na ’m faiceall an àm tarruinn mu ’m marbhadh iad an càirdean fein. Gualla ri gualla bha Iain Mor ’s a chompanach òg an gàbhadh cruaidh, an sùilean laiste le mire-chatha, ’s an claidhnean a’ cluich mar dhealanaich air gach taobh. Bha iad a’ dol air ais gu socair an comhair an cùil romh ’n mhaoim bheo, nimheil a bha ga ’n iomain le cudthrom an àireamh. Ach cha robh ceum a bha iad a’ dhol air ais nach robh nàmhaid na ’shìneadh mu ’choinneamh air gach taobh, air chor ’s gu ’n robh iad deanamh rathaid dhiubh air an robh càch a’ coiseachd, ’s iad a nis air ghoil le nimh, ga ’n ionnsaidh. Mu dheireadh fhuair iad an druim ri bad àraidh dhe ’n bhalla, agus ag iomairt an claidhnean gu gaisgeil, ealanta, air-son am beatha, bha iad a’ cumail nan naimhdean beagan shlat air ais, cho guineach ’s gu ’m feuchadh iad ri ’m mùchadh le ’n àireamh. Mu dheireadh chunnaic na fir dhearga gu ’m biodh a’ chuid bu mhotha dhiubh air an sgrios mur rachadh aca air so a dheanamh, agus smaointich iad air dòigh ùr a chuireadh crioch aithghearr air an àr. Ruith grunn dhiubh a dh’ iarraidh cnapach de sheann ghunna-mor a bh’ aca ’sa chaisteal air-son a’ chàraid iongantach so a smùideadh dh’ an iarmailt, agus a’ tarruinn air ais beagan shlat eile, bha ’n còrr de ’n bhuidhinn a’ feitheamh tighinn an companach leis an inneal-bhàis so. Mu dheireadh chual iad iad a’ tighinn le Betty (ainm a’ ghunna), ’s a tionndadh mu ’n cuairt, thog iad iollach àrd, ’s iad a nis cinnteach gum biodh spioradan Iain Mhoir is Eachainn an ath mhionaid a’ triall do chuideachd spioradan nan reubalach eile, ’s an cuirp le dearrsach a’ ghunna-mhoir na ’m mìrean air feadh nam beann mu ’n cuairt. An ath mhionaid, thionndaidh iad an sùilean air-son an sealladh mu dheireadh a ghabhail de na Gàidheil, ach an creideadh iad an sùilean? uamhas nan uamhas, ’s miarailt nam miarailt! cha robh sealladh air na Gàidheil. Sheas na saighdearan le beòil fhosgailte a sealltainn suas ’sna speuran feuch am faiceadh iad iad a dol as an sealladh na ’n guirme ’s ag amharc air an làr mu chuairt air an àite ’n robh iad feuch an robh fosgladh no gluasad iongantach sam bith fodha; ach cha deach taisbeanadh sam bith a dheanamh dhaibh. Co-dhiù bu bhithean nàdarra no spioradail aig an robh lamh ’sa ghnothach, chaidh a dheanamh gu sgiobalta agus gu dìomhair. Cha robh aca mar sin ach Betty a shlaodadh air ais le cinn chroma ’s aghaidhean anns an robh ioghnadh agus uamhas a strìth, thun an àit’ an d’ fhuair iad i. Mar tha fios aig an leughadair b’ ann (buaidh air a bhodach a dheilbh e!) tromh ’n dorus ìnnleachdach aig an aonaran a fhuair iad roimhe sid, mar a chaidh ainmeachadh, le tuiteamas, a chaidh na fir á sealladh nan Sasunnach an tiotadh a bha ’n cùl riutha ’s mar sin ga ’n cur gu mor na ’m breislich. An uair a bha iad ag imeachd le ceum luthmhor gu uamh ’Illeasbuig air-son beagan dhe ’n sgiòs a leigeil dhiubh mu ’n criochnaicheadh iad an obair, bha Iain Mor mar nach b’ àbhaist fuathasach sàmhach. Mu dheireadh thuirt e ri Eachann ’s fiamh gàire anns nach robh moran subhachais air a ghnùis, “Cha ’n eil fios agam ciod is ciall dhomh Eachainn o chionn beagan làithean. Na uairean bidh mo chridhe cho trom ris an luaidhe le dragh nach gabh innse no meòrachadh, agus an ath mhionaid bidh e cho aotrom ri cridh’ uiseig. A nis tha fios agam gu’m bi ar làithean dorcha againn uile uair is uair, co-dhiu bhios sinn bochd no beairtach, an uair a shaoileas sinn gu’m bi gach ni air uachdar an t-saoghail ri strith na ’r n-aghaidh, ach cha bhi ’n so ach neòil air grian na h-inntinn air-son a glanadh ’s a fàgail na ’s soilleire gu beathachadh ’s gu meòrachadh nan cuspairean ùra tha ’gabhail freumh gach latha ma bheir sinn an aire dhaibh. Ach ged nach eil mise gisreagach Eachainn; tha mi ’faireachdainn mar gu ’m biodh mo réis dlùth air a crìch, agus nach faic mi Gleann Gorm mo ghaoil, fàs mar a tha e, gu bràth tuilleadh.” “Ach Iain, a charaid ionmhuin, nach fhàg thu ’n t-àite so gun dàil ’s a nis an gàbhadh na ’r deigh air-son an ama. ’S mise thug an so thu, ’s tha mi nis a guidh’ ort fhàgail, oir ’s cinnteach”—“Ah ’Eachainn ni sin an gnothach; ach tha mo dhleasdanas an so fhathast gun chomhlionadh, ’s mar sin tha mi ’n dòchas nach tionndaidh Iain Mor nan Ord na ’ghealtair mu ’n àm so ’n latha, ach a mhàin gu faigh a ghairm e, ge b’e uair a thig i, dìleas d’an ghnothach an laimh ’san àm, thun a bhàis, agus ’Eachainn ’s tusa ’n gille nach bu chòir a’ chomhairle ud a thoirt ormsa, oir ’s tu ’m fear mu dheireadh a ghabhadh i o dhuin’ eile, ’s do dhleasdan as gun chriochnachadh.” Cha d’ thuirt Eachann guth, ach bha tuaileas m’a shùilean car tacain a chruinnich ge b’ oil leis na ’n da bhoinne mhor a thriall gu luath le ghruaidh chruinn òig, a measgnachadh le driùchd bhlàth an fheasgair air bàrr an fhraoich na cheum. Fhuair an tràghadh iad an oidhch’ ud aon uair eile aig beul uamha nan tonn, an uair mu dheireadh bha iad an dochas, ’s Gilleasbuig na ’n cuideachd, deiseil gu gniomh. Cha b’ ann gun strith a fhuair iad ann gun fhios do ’n naimhdean furachail a bha ’n oidhch’ ud a sguabadh na dùthcha mu chuairt ga ’n sireadh. Chaidh Eachann, ’s a chridhe na ’bheul le eagal gu’n do dh’ eirich dad do Mhaili o dh’ fhàg e i, a stigh, air a leantuinn le Gilleasbuig, a fàgail Iain Mhoir ’sa gheòlaidh bhig ’s an fharsuingeachd an taobh a stigh de bheul na h-uamha. Bha feum air cabhaig ’s an lionadh a’ tighinn, oir chaill iad moran ùine a’ cuartachadh mu ’n d’ fhuair iad ann. Dé ’n toileachadh a ghabh Eachann an uair a dh’ aithnich e gu robh Maili sàbhailte agus a chunnaic e làmh làidir gheal, ged a bha i nis tana, fodh iomal na lic a bha e ’dùsgadh ’san ùrlar, ga ’chuideachadh. An ùine ghearr bha i ri thaobh gu sàbhailte, agus cha b’ fhiach e shalann mur fàilticheadh e i, mar a rinn e, àm aig ’n do thionndaidh Gilleasbuig a chùlthaobh riutha ’s e ma b’ fhior air gnothach iongantach fhaicinn an àite eile. Fhuair iad na àm a mach anns a bhata á namha-nan-tonn. An uair a bha iad aig a beul chual iad an sgriach a b’ uamhalta chuala cluas riamh a’ tighinn a mach aisde. “Muime na h-áiridh!” arsa Maili, ’s i air chrith. B’ i Muime na h-àiridh aingidh a bh’ ann gun teagamh, oir a’ faighinn a chaisteil fàs nuair a thog càch air falbh a shealg nan Gàidheal, fhuair i greim air a’ bhotul bhrandidh aig a maighstir, ’s a’ faighinn misneach as, agus air ghaol dorran a chur oirre (oir b’e nighean bhòidheach sealladh bu lugh air a chaillich a chitheadh i) chaidh i le cabhaig mhoir ’s i dol ma seach do phriosan Maili; a’ fosgladh nan dorsan làidir a bha ga ’dion, chaidh i stigh le briathran gris-fhionn air a bilibh, ach b’ iad, a reir choltais, na briathran mu dheireadh a labhair i, oir an ath mhionaid thuit i troimh ’n toll tromh ’n do theich Maili a’ leigeil a mach nan sgriach a chual iad. Cha chual iad an còrr; lion na tuinn dhubha, mholach, acrach, an uamha, a’ smàladh an t-seann lòchrain mhùgaich nach d’ thug solus ceart riamh; ’s chaidh iad air adhart mar nach tachradh ni ri ’m bùirich thùrsach mar bu ghnàth. Ghluais an bàt air falbh gu fàillidh ach gu luath, ach a tionndadh gob an rudha ’fhuair iad, mo thruaighe! iad fhein air an cuartachadh le bàtaichean, beag is mor, an nàimhdean a bha mach air an son, agus a thug an aire dhaibh a’ tighinn [TD 26] [Vol. 11. No. 4. p. 2] ’s iad fhein a’ togail a mach. Dh’ fhalaich iad iad fhein mar sin, ’s bha na fògaraich, gun fhios, gun fhaireachadh, a deanamh dìreach air craos acrach an leòmhain. An uair a thainig iad dlùth gu leòr ’s nach robh rathad teichidh aca chaidh mar a dh’ ainmicheadh, an cuartachadh le ’n naimhdean guineach ’s caiptean Eanruic air an ceann cho làn misnich ’s a rachadh aig a bhotul bhrandidh air a thoirt seachad. Chaidh Maili aithneachadh le solus dearrsach na gealaich ’s chuir so an Sasunnach gu diarras buileach glan. Bha Iain Mor ’s ràmh ’s gach làimh ag iomradh, ’s Gilleasbuig beag, o bha e eòlach mu gach cladach, aig an stiùir, ’s càch, na leannain, meadhain a bhàta na bu dlùithe air a cheile na ruigeadh iad a leas, cho beag ’s g’ an robh ’m bàta. Aon uair eile bha àireamh na naimhdean na ’m fàbhar a thaobh ’s nach robh e comasach dhaibh cuimse ghabhail air a bhàta bheag a measg na h-urad, gu h-àraidh ’s an cuan mollach fodh ’n druim ga ’n tulagadh. Cha robh e comasach d’an gheòla bhig, fodha thun a cuairt beòil, astar mor a dheanamh cho treun ’s g’ an robh na gàirdeanan a bha ga h-iomradh, ach air dhaibh fosgladh fhaicinn, thug iad an aghaidh air tir a’ cur do’n ghrunnd té bu mhodha gu mor na iad fhein a ghearr romhpa. Leum iad air tir am bealach cumhann eadar na creagan, ’s bhrùchd an tuil naimhdeil a stigh na’n deigh, a’ fàgail nam bàtaichean a toirt an aire dhaibh fhein. Mur biodh ann ach iad fhein bhiodh Iain Mor is Eachann sàbhailte aon uair gu’n d’ fhuair iad cas air talamh, ged bhiodh feachd na Ròimhe na ’n deagh ’san ait ud, ach bha Maili ’s i fann o na chaidh i troimhe, agus Gilleasbuig beag, a cumail maille orra. Ghabh iad a stigh am bealach airson faighinn do dhion nam fròg aig a cheann, ach leitheach rathaid chunnaic iad le uamhas buidheann làidir de na saighdearan a nochdadh na ’n aghaidh o ’n cheann sin, ’s bha iad mar sin air an glacadh eadar dha theine. Gun tuireadh, gun bhualadh bhas, dòigh nan lag-chùiseach, ach le fiaclan teann chruaidh, leum a cheathrair a stigh fodh sgroth-creige a cur romhpa am beatha reic gu daor mu ’n striochdadh iad. Chum iad o bhuillean cho fad so air son Maili, ach cha ghabhadh iad seachnadh a nis. Chruinnich iad mu chuairt air an dion-àit leibideach so mar fhithich thun na féisd. Lean an sin na buillean gu cruaidh teann gun fhianais ach a ghealach sheimh aig nach robh ioghnadh sam bith ’sna h-amannan garbha ud de leithid de shealladh. An uair a mhair so beagan mhionaidean fhuair Iain Mor ’s a chàirdean ri chùl eadar na naimhdean ’s na bàtaichean. Bha dhiol aig Eachann ri dheanamh Maili a chumail o na Sasunnaich a bha toirt ionnsuidhean garbha air-son a glacadh, ’s bha mar so aig Iain Mor ri ’n dion uile. “Ann an ainm Dhé, ’Eachainn,” ars esan, ’s e leis a ghille-ghlas a sgath sios air gach laimh, “gabh an cothrom ’s thoir a mach na bàtaichean le Maili ’s tàrr as, oir mur dean thu sin, bidh sinn uile dhìth air a cheann mu dheireadh. Theid agamsa, le cuideachadh Dhé, air na madaidh so a chumail á so uige sin.” Chunnaic Eachann gu ’n robh so fior, agus ged bu chruaidh leis a charaid fhàgail, rud nach deanadh e ’s an anail ann na aonar, bha beatha Maili priseil leis, agus bha a sàbhaladh a’ mùchadh gach faireachdainn eile bha ’g eirigh na inntinn ’san am. Thug e ’n aghaidh air na bàtaichean le Maili, ga ’leith ghiulan, a fàgail slàn aig Iain Mor, thubhairt e gus am faigheadh e neach le ’m fàgadh e Maili no chitheadh sàbhailt i an àite tearainte ’s gu’m biodh e air ais gus na buillean cruaidh a phàrtachadh leis an tiotadh. “Beannachd leat, Eachuinn,” ars Iain Mor, ’s e ’toirt sùil an deigh a charaide òig, “beannachd leibh, agus Dia ga ’r beannachadh le cheile.” Chuir teicheadh Maili an caothach buileach glan air Caiptean Eanruic an uair a fhuair e mach e air chùl na cuideachd. Dh’ eulaidh e dlùth do’n ghaisgeach Ghàidhealach a bha cumail an fheachd air ais na ’aonar, agus air dha leith chùl fhaighinn ris, spion e mosgaid á laimh saighdeir, agus loisg e ’n urchair air a’ churaidh threun gun umhail ged a mharbh e dithis dhe dhaoine fhein air an taobh eile de ’n Ghàidheal. Bha Iain Mor air a lot gu bàs le lamh an tacharain gun chli. Dh’ aithnich e fhein so; thuit a charaide dìleas an claidheamh mòr as a laimh threin. Thionndaidh e mu chuairt ’s thug e suil air an fheadhain a bha ga ’chuartachadh ’s chunnaic e aghaidh ghlas chruadh Eanruic ’s fiamh gàir air ga ’fhalach fhein beagan astair air falbh. Chruinnich Iain na bha làthair de neart mor an aon spàirn ’s thug e leum ga ’ionnsuidh ’s a’ sineadh a mach a laimhe dhùin a chròg mhor iarnaidh mu sgòrnan an t-Sasunnaich, ga ’thoirt leis gu làr air dha tuiteam marbh. Fhuair Eanruic dubh a dhuais; an uair a thug a shaighdearan ionnsuidh air fhaighinn á laimh a ghaisgich mhairbh sheas iad air ais le uamhas air dhaibh aghaidh fhaicinn cho dubh ri poit ’s an fhuil a brùchdadh as a chluasan ’s o bheul ’s o shùilean, ’s cha robh feum aig air leigh ann. An uair a bha saighdear dearg a dol gu brùideil a thoirt ionnsuidh air ceann Iain a ghearradh leis, leum Cas-an-t-siubhail bochd a mach á sgor creige, a’ clisgeadh nan Sasunnach, ’s theannaich e e-fhein mu amhach mhor fhuar a charaide ’s a dheòir a’ sruthadh gu frasach, ’s cha ’n fhaigheadh iad na chòir ’s esan beò. Thaisich cridhe ’n oifigich a bha nis air an ceann le leithid so de dhilseachd fhaicinn ’s gun do dh’ òrduich e ’n saighdear air falbh ag radh nach cuireadh e meur air curaidh cho treun, ged a gheobhadh e deich mile bonn òir. Mar so thuit Iain Mor nan Ord, curaidh cho treun ’sa sheas am bròig riamh. Dileas gu bhàs, rinn e ’fhuil a dhòrtadh ’s a bheatha thoirt seachad gu toilichte airson a charaid. Fhuair Eachann air falbh gu sàbhailte le Maili, ach cha d’ fhuair e ’n àite tearuinte i cho luath ’s bu mhath leis. Mar sin an uair a rainig e Bealach Iain Mhoir, ainm a th’ air thun an latha ’n diugh, cha robh ròimhe ach sàmhchair aognaidh a leag a chridhe gu mor. Fhuair e mu dheireadh a charaide rag, fuar, ’s Gilleasbuig beag bochd mar a dh’ fhàg sinn e. O bu ghoirt cridhe ’n òganaich an uair sin ’s cha robh nàir air ’s a dheòir a’ ruith le ’ghruaidhean gu frasach dian os cionn a charaide bha cho treun, ach a bha nis na bu lugha clì na naoidhean air ùr bhreith. Cha do dhealaich e ris, gus am fac e air amhlacadh e ’sa chnocan uaine an Gleann Gorm a ghaoil. An sin an deigh Maili fhaicinn an tigh a charaide bha i sireadh, dh’ fhàg e slàn bhlàth aice car greis, ’s chaidh e do’n Fhraing, far na dh’ eirich e gu posta Caiptin an da bhliadhna. Bha e air eirigh gu math na b’ àirde na’n leanadh e arm na Frainge ’s na h-amannan garbha bha nis a’ fosgladh ’san dùthaich sin, ach bha cridh’ Eachainn ’sa Ghàidhealtachd, agus o bha, lean e ann e ’s e nis gle mhath dheth, ’s phòs e Maili. Thog iad taigh math faisg air a Ghleann Ghorm, agus ’s iomadh feasgar ciùin a ghabh iad an t astar thun a chnocain ghuirm ’sam bheil Iain Mor na ’shuain shiorruidh, agus ’s iomadh oidhche fhada gheamhraidh ’san teaghlach greadhnach mu chuairt orra a chuir iad seachad greis dhe ’n ùine ag innse ’s ag aithris euchdan Iain Mhoir nan Ord. (A’ chrioch.) Marbhaidh droch ainm na coin. Mhealladh e ’n t-ubh bho ’n chorra-ghlais, ged bhiodh a dà shùil aig comhead air. Sgeulachdan Arabianach. ALADIN. CAIB. VI. O ’N a bha dochas aig Aladin gu ’m faigheadh e pris na b’ fhearr air son an trinnsear, thug e as a bhrollach e, agus sheall e do’n or-cheard e. Thug an t-or-cheard an aire air a’ cheud shealladh a thug e air an trinnsear, gu ’n robh e air a dheanamh dhe’n airgiod a b’ fhearr a bha ri fhaotainn, agus dh’ fheoraich e dheth an do reic e aon dhe leithidean ris an Iudhach. Agus dh’innis Aladin dha gu saor, gu ’n do reic e dha dheug dhiubh ris air son bonn oir am fear. “Nach b’ e an dearg shlaoightir’ e!” ars’ an t-or-cheard; “ach, a mhic,” ars’ esan “cha ’n urrainnear atharrachadh a thoirt air na chaidh seachad. Tha ’n trinnsear so air a dheanamh dhe ’n airgiod a’s fhearr, agus gus a nochdadh dhut cho luachmhor ’s a tha e, leigidh mi fhaicinn dut cho mor ’s a thug an t-Iudhach an car asad.” Thomhais an t-or-cheard an trinnsear air a’ mheidh, agus an deigh dha innseadh do dh’ Aladin mu phris an unnsa dhe ’n airgiod, leig e ris dha gu ’m b’ e luach an trinnsear tri fichead bonn oir, agus phaigh e an t-suim so dha anns a’ mhionaid. “Ma tha teagamh agad anns na tha mise ’g innseadh dhut,” ars’ an t-or-cheard, “faodaidh tu dhol far am bheil fear sam bith eile dhe mo sheorsa anns a’ bhaile, agus ma bheir e dhut bonn a bharrachd, bheir mise dhut da bhonn m’ a choinneamh, agus sin rud nach dean Iudhach sam bith.” Thug Aladin taing dha air son a dheadh chomhairle a bha cho buannachdail dha, agus cha deachaidh e riamh tuilleadh a reic nan trinnsearan agus nam miasan far an robh fear sam bith eile, o ’n a bha e ’faotainn luach air an son a reir an cudthrom. Ged a bha ionmhas neo-chriochnach aig Aladin ’s aig a mhathair anns a’ chruisgean, agus ged a dh’ fhaodadh iad rud sam bith a mhiannaicheadh iad fhaotainn a h-uile uair a bhiodh feum ac’ air, gidheadh bha iad cho beag cosgais ’s a b’ abhaist dhaibh, ach a mhain gu ’n robh Aladin na b’ fhearr ’s na bu ghlaine ann an aodach na b’ abhaist dha. Agus mu dheidhinn a mhathar, cha robh i ’caitheamh ball aodaich ach na bha i fhein a’ cosnadh le sniomh chotain. An uair a bheirear fa near an doigh anns an robh iad a’ caitheamh am beatha, tha e furasda gu leor a thuigsinn gu ’n do mhair na fhuair Aladin air son nan trinnsearan uine mhath dhaibh. Chaidh iad air aghart anns an doigh so fad iomadh bliadhna, agus iad a’ faotainn na bha feumail dhaibh le cuideachadh a’ chruisgein. Re na h-uine so bu tric le Aladin a bhith ’dol do na buithean a b’ fhearr ’s bu mho a bh’ anns a’ bhaile, far an robh aodaichean oir is airgid, aodaichean sioda, aodaichean linn, agus seudan luachmhor air an reic, agus gu math tric bhiodh greis chomhraidh aige ris na marsantan, agus ris a’ mhuinntir a bhiodh a’ ceannach anns na buithean. Air an doigh so fhuair e eolas mor mu dheidhinn gnothaichean an t-saoghail, agus dh’fhoghluim e mar bu choir dha e-fhein a ghluasad am measg dhaoine a b’ airde suidheachadh na e-fhein. Thuig e o ’n eolas a fhuair e air na marsantan a bhiodh a’ reic sheudan nach b’ e glaine air a dath a bh’ anns na measan a chruinnich e an uair a bha e anns na seomraichean fo thalamh ag iarraidh a’ cruisgein, ach gur e bh’ annta seudan a bha anabarrach luachmhor. Oir ged a chunn- [TD 27] [Vol. 11. No. 4. p. 3] aic e a h-uile seorsa de sheudan luachmhor air an reic anns na buithean, cha robh a h-aon dhiubh a leith cho mor, no cho briagha, no cho luachmhor ris na seudan a bh’ aige fhein a staigh, ged a bha e ’n toiseach a’ smaointean gur e glaine air a dath a bh’ annta. Thuig e gu ’n robh ionmhas ro luachmhor aige; agus bha e cho glic ’s nach d’innis e facal mu’n deidhinn d’ a mhathair no do neach sam bith eile. Air lath’ araidh, an uair a bha Aladin a’ coiseachd troimh ’n bhaile, chual’ a bhith ’g iarraidh air sluagh a’ bhaile, le ordugh an righ, na taighean ’s na buithean a dhunadh, agus gun duine ’dhol am mach air na dorsan fhad ’s a bhiodh nighean an righ a’ dol troimh ’n bhaile ’dh’ ionnsuidh an taigh-fharagaidh, agus a’ tilleadh air ais. An uair a chual’ Aladin so, dhuisg miann laidir ’na inntinn sealladh fhaotainn de ghnuis nighean an righ; ach cha’n fhaigheadh e so gun a dhol do thaigh caraid gus amharc oirre am mach troimh ’n uinneig. Ach cha do riaraich so e an uair a thug e fa-near, gu ’m biodh srol air aghaidh nighean an righ an uair a bhiodh i ’dol troimh ’n bhaile. Ach gus a mhiann a shasachadh, smaoinich e gu’n gabhadh e doigh eile air sealladh fhaotainn dhe ’gnuis; agus soirbhich a’ chuis leis. B’ e ’n doigh a ghabh e, e-fhein fhalach air cul dorus an taigh-fharagaidh far an biodh comas aig air a h-aghaidh fhaicinn. Cha robh Aladin fad’ a feitheamh gus an d’ thainig nighean an righ, agus fhuair e sealladh math dhe h-aghaidh troimh sgaineadh a bh’ air an dorus gun fhios do dhuine sam bith. Bha cuideachd mhor maille rithe de mhnathan-uaisle, de shearbhantan, agus de chaillteanaich, agus iad a’ coiseachd air gach taobh dhi, agus ’na deigh. An uair a bha i ceum no dha o’n dorus, thug i dhith an srol, agus fhuair Aladin cothrom air deadh shealladh fhaotainn dhe ’gnuis. Gus a’ sid, cha ’n fhac’ Aladin sealladh air gnuis boirionnaich riamh ach gnuis a mhathar. Bha i air fas aosda; agus an uair a bha i og, cha bu bhoirionnach briagh’ i. Bha e ’n duil gu ’n robh a h-uile boirionnach eile coltach ri ’mhathair, agus an uair a chluinneadh e daoine ’bruidhinn air boirionnaich bhriagha, cha robh na bhiodh iad ag radh a’ cur gluasad sam bith air an inntinn aige; oir ciod sam bith cho soilleir ’s gu ’m bi na briathran anns an innsear mu dheidhinn maise dhaoine, cha deanar uiread drughaidh air daoine gus am faic iad a mhaise fhein. Ach cho luath ’s a chunnaic Aladin nighean an righ, thuit e ann an trom-ghaol oirre. Bha i ’na boirionnach cho briagha ’s a bh’ air an t-saoghal. Bha suilean mora, briagha, beothail ’na ceann; bha ’gnuis anabarrach tlachdar, agus banail; bha beul beag, cuimir oirre, agus bilean cho boidheach ’s cho dearg ’s a chunnacas riamh, agus bha pearsa dhireach, dheas, dhealbhach aice; a dh’ aon fhacal, bha i ’na boirionnach cho maiseach, o ’bonn gu ’bathais ’s a bha beo. Air an aobhar sin, cha ’n ’eil e idir ’na ioghnadh ged a thuit Aladin, fear nach fhaca boirionnach briagha riamh roimhe, ann an trom-ghaol oirre. An deigh do nighean an righ a dhol seachad air Aladin, agus a dhol do ’n taigh-fharagaidh, sheas e far an robh e, agus e lan ioghnaidh agus breislich, agus e ’smaointean gu dluth air a’ ghnuis ro mhaiseach a chunnaic e. Ach mu dheireadh an uair a smaoinich e gu’n deachaidh nighean an righ seachad air, agus an uair a thilleadh i gu’m biodh a culaobh ris agus srol air a h-aghaidh, chuir e roimhe falbh as an aite anns an robh e ’na sheasamh, agus a dhol dhachaidh. Ach an uair a rainig e dhachaidh, bha e cho neo-fhoiseil ’s gu ’n d’ thug a mhathair an aire dha; agus bha ioghnadh mor oirre a chionn mar a bha e cho samhach agus cho muladach coltas seach mar a b’ abhaist dha. Dh’ fheoraich i dheth ciod a thachair dha, no an robh e tinn. Cha tug e freagairt sam bith oirre, ach shuidh e air an t-sofa mar gu’m biodh e gle choma dheth fhein, agus bha ’inntinn suidhichte gu buileach air nighean an righ. Bha ’mhathair a’ deasachadh na suipearach, agus cha duirt i ’n corr ris aig an am. An uair a bha ’n t-suipear deiseil, chuir i air a’ bhord air a bheulaobh i; ach an uair a chunnaic i nach do ghabh e suim sam bith dhe’n bhiadh, dh’ iarr i air toiseachadh ri itheadh, agus theab nach tugadh i air atharrachadh as an aite anns an robh e na sheasamh. An uair a ghabh e ’comhairle, cha d’ ith e idir uiread ’s a b’ abhaist dha, agus bha ’cheann crom ’s a shuil air a’ bhord, agus gun fhacal a’ tighinn as a cheann. Cha tugadh e an fhreagairt bu lugha do na ceisdean a bha i ’cur air. An deigh na suipearach, dh’ fheoraich i dheth c’ar son a bha e cho mor fo lionn-dubh, ach cha tugadh e fiosrachadh sam bith dhi, agus b’ fhearr leis a dhol do ’n leabaidh na dad sam bith innseadh dhi. Cha ruigear a leas iomradh a thoirt air mar a chuir Aladin seachad an oidhche an uair a bha ’inntinn cho lan de smaointeanan mu nighean an righ. Foghnaidh dhuinn a radh gu’n do labhair e ri ’mhathair an la-iar-na-mhaireach mar a leanas, an uair a bha e ’na shuidhe m’ a coinneamh agus i gu trang a’ sniomh chotain: “Tha mi tuigsinn, a mhathair, gu’n do ghabh sibh dragh mor a chionn mise ’bhith cho samhach an de. Cha robh mi, agus cha ’n ’eil mi tinn, mar a bha sibhse ’saoilsinn. Ach tha mi nis ag innseadh dhuibh gu ’m bheil an rud a bha mi ’faireachadh an de, agus a tha mi ’fulang an diugh, na’s miosa na tinneas. Cha’n urrainn mi nadur mo thrioblaid innseadh dhuibh, ach cha ’n ’eil teagamh nach tuig sibhse e o na bheil mi ’dol a dh’ innseadh dhuibh. “Cha robh fhios anns a’ chearn so dhe’n bhaile, agus uime sin cha robh fhios agaibhse air, gu’n robh nighean an righ gus a dhol do ’n taigh-fharagaidh an deigh na dinnearach. Chuala mise so an uair a bha mi ’coiseachd troimh ’n bhaile. Agus thugadh ordugh seachad, gu ’m feumteadh mar urram dhi, gach buth a dhunadh air na sraidean troimh ’n robh aice ri dhol, agus gu’m feumadh na h-uile fuireach a staigh ’nan taighean, a chum na sraidean a bhith reidh aice-fhein, agus aig a’ mhor-chuideachd a bha maille rithe. Agus o nach robh mise aig an am fad’ o ’n taigh-fharagaidh, bha fior thoil agam sealladh dhe ’h-aghaidh fhaicinn. Agus an uair a smaoinich mi gu ’n togadh i an srol bhar a h-aghaidh an uair a bhiodh i dluth air dorus an taigh-fharagaidh, chuir mi romham gu ’n rachainn gu cul an doruis. Tha fhios agaibh mar a tha’n dorus air a shuidheachadh, agus faodaidh sibh a thuigsinn gu ’n d’ fhuair mi lan-shealladh dhi. Thog nighean an righ dhith an srol, agus bha de shonas agam na chunnaic sealladh dhe ’h-aghaidh ro mhaiseach. B’ e so, a mhathair, a b’ aobhar gu’n robh mi cho samhach, agus cho trom-inntinneach an de. Cha’n urrainn mi cainnt a chur air meud a’ ghaoil a ghabh mi air nighean an righ; agus o’n tha ’n gaol a ghabh mi oirre a’ sior dhol am meud a h-uile mionaid, cha ’n ’eil e ’n comas dhomh a bhith beo mur faigh mi greim oirre, agus tha mi suidhichte gu ’n iarr mi i ri ’posadh air a h-athair.” Dh’ eisd a mhathair le aire ris na thuirt Aladin gus an duirt e gu’n robh e ’dol a dh’ iarraidh nighean an righ ri ’posadh. Cha b’ urrainn i gun glag gaire ’dheanamh. Bha Aladin air a dhol air aghart leis an tuilleadh comhraidh, mur b’ e gun do chuir i stad air. “Ochan! a’ mhic,” ars ise, “co air a tha thu ’smaointean? Feumaidh gu ’m bheil thu as do chaill an uair a tha thu ’bruidhinn air a leithid sin.” “Tha mise ’g innseadh dhuibh le firinn, a mhathair,” ars’ Aladin, “nach ’eil mi idir as mo chiall, ach gu’m bheil mo thur ’s mo thoinnisg agam. Thuig mi gle mhath roimh laimh gu ’m biodh sibh diumbach gu leor dhiom a chionn a bhith ’smaointean air gnothach cho amaideach agus cho mi-choltach ris a’ so; ach feumaidh mi innseadh dhuibh aon uair eile, gu ’m bheil mi suidhichte gu ’n iarr mi nighean an righ air a h-athair ri ’posadh, agus cha chum bhur comhairlean-sa air ais mi.” “Seadh gu dearbh, a mhic,” fhreagair a mhathair gu foisneach; “feumaidh mi innseadh dhut gu ’m bheil thu air thu fhein a dhichuimhneachadh buileach glan, agus ma ni thu mar a tha thu ’g radh, cha ’n aithne dhomhsa co ’ghabhas os laimh a dhol g’ a h-iarraidh dhut.” “Theid sibh fhein g’ a h-iarraidh dhomh,” fhreagair e anns a’ mhionaid. “An e gu ’n teid mise far am bheil an righ!” ars’ a mhathair, agus i gabhail ioghnaidh agus uamhais. “Bheir mi ’n aire mhath nach gabh mi gnothach ri ’leithid a dh’ obair. Co thusa, ’mhic, gu ’m biodh tu ’smaointean gu ’n gabhadh nighean an righ thu? Dhichuimhnich thu gu ’m b’ e d’ athair taillear cho bochd ’s a bh’ anns a’ bhaile, agus nach d’ thainig mise o dhaoine ’bha dad na b’ fhearr na cuideachd d’ athar. Nach ’eil fhios agad nach toir na righrean an nigheanan ri ’m posadh ach do mhic righrean mar a tha iad fhein?” “A mhathair,” ars’ Aladin, “dh’ innis mi mar tha dhuibh gu’n robh fhios agam air ciod a bha sibh gus a radh; agus tha mi ’g innseadh dhuibh a rithist nach dean bhur cainnt agus bhur comhairleachadh atharrachadh sam bith air m’ inntinnsa. Dh’ innis mi dhuibh gu ’m feum sibh a dhol a dh’ iarraidh nighean an righ dhomh. Tha mi, leis an uil’ urram, ag iarraidh oirbh am fabhar so a dheanamh dhomh; agus tha mi ’guidhe oirbh nach diult sibh dhomh e, mur ’eil toil agaibh m’ fhaicinn air mo charadh anns an uaigh, agus leis a’ so beatha nuadh a thoirt dhomh.” (Ri leantuinn.) Mar Bha Domhnull Leis a’ Chnatan Mhor. LE A. MAC AONGHUIS. GU de an cor a th’ ort a’ nochd a Dhomhuill? “Cha ’n ’eil, Alasdair, ach cor meadhonach. Dh’ fhaodainn a bhi na bu mhiosa, ach ’s minig a bha mi moran na b’ fhearr.” “Chuala mi, a Dhomhuill, gu ’n do ghabh thu an droch chnatan?” “Cnatan, Alasdair, an canadh tu cnatan ris? ’S e a bh’ ann plaigh, trusdair ghalar, agus ’s ann aig mo chreubhaig tha brath. Bi’dh neach ’us neach a’ raite rium gur e ’m flensi mallaichte tha ’n sid a bh’ ann; ’s mo dhroch run na ’chois, faodaidh cuimhne bhi agam air. Cha mhor gun d’ fhag e ball ri ’cheile dhiom.” “Tha mi a’ tuigsinn gur olc da rireadh an trioblaid e, a Dhomhuill.” “Trioblaid ghrannda, chealgach, chunnartach, rapach, sgriosail, ’s e a th’ ann Alasdair, gun teagamh sam bith.” “Tha e ro choltach, a Dhomhuill, nach ’eil an cnatan mor na ’chloinn.” “Braidean dubh, Alasdair, bhuail e mi mar gu ’n d’ thugadh tu sgailc dhomh, an oidhche-roimhe, an am a bhith dol a chadal. Dh’ fhairich mi fas- (Air a leantuinn air taobh 30.) [TD 28] [Vol. 11. No. 4. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna $1.00 Sia Miosan .50 Tri Miosan .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OGUST 22, 1902. Sith Da-rireadh. Tha gach latha tha dol seachad a’ nochdadh gu bheil barrachd ’s an t-ainm anns an t-sìth a rinneadh eadar Breatuinn ’s na Boerich. Chaochail aon de na seanalairean Boerach, Lucas Meyer, o chionn ghoirid, agus air a’ chiste-laidhe anns an robh a chorp air adhlacadh, bha blàth-fhleasg bho Phòl Cruger, agus aon eile bho Eoseph Chamberlain,—an da fhear-stàite a bha mu thòiseachadh a chogaidh mar so le chéile a’ cur urraim air aon de na daoine bu tréine a’ chathaich ann. Tha aig an àm so tri seanalairean Boerach eile ann am Breatuinn ag iarraidh cuideachaidh do theaghlaichean air ’n do chuir an cogadh call; agus tha na Breatunnaich ga ’m fàilteachadh mar gu ’m bu leotha fein iad. Thaghail iad air Morair Roberts agus air an righ fein; agus rinneadh am beatha gu càirdeil anns an da àite. Tha an sluagh a nochdadh fialaidheachd mhor, agus cha ’n eil e ri chur an teagamh nach pill iad dhachaidh le sporanan troma, ’s le deagh bharail air an t-sluagh ris an robh iad cho fada ’cogadh. Ma rinn an saoghal Breatunnach gàirdeachas nuair a thainig sgeul na sìthe, faodar an tuilleadh gàirdeachais a dheanamh a nis o’n tha e cho soilleir nach bu shìth aindeonach a rinn na Boerich, ach sìth a tha iad deònach a dhaingneachadh le càirdeas. An Righ air a Chrunadh. AIR Di-sathuirne, an naodhamh latha dhe ’n mhios, bha Righ Iomhar is Banrigh Alexandra air an crùnadh. Bha an t-seirbhis air a giorrachadh, agus moran na bu lugha greadhnachais na bha i gu bhi ’san òg-mhios, ach bha i da-rìreadh sòluimte, agus bidh latha ’chrùnaidh na latha air am bi sgeul troimh linntean ri teachd. Bha an Righ ann an deagh shlàinte agus sheas e ri saothair is sgìths an latha gu math. Bha Abaid Iarmhinisteir loma làn sluaigh, as gach cearna dhe’n t-saoghal, agus bu shealladh greadhnach da-rireadh na bha ri fhaicinn ann. Bha a’ chuid bu troma de ’n t-seirbhis air Ard-easbuig Chanterbury; tha an seann duin’ urramach sin air fàs car dall agus breòite, ’s bha e gle dhoirbh dha a phàirt a ghabhail gu ceart. An àm a bhi cur a’ chrùin air ceann an Righ, bha leithid de chrith na ’laimh ’s gu ’m b’ fheudar a stiùireadh le neach eile; agus nuair chaidh e dheanamh ùmhlachd do ’n Righ cha mhor nach deach e ann an laigse. Chuireadh an crùn an ceann na Banrigh le Ard-easbuig York. Tha an Impireachd uile ri gàirdeachas a chionn gu ’n deachaidh an crùnadh a dheanamh gun sgiorradh sam bith. Bha sgeul air a h-aithris, nuair b’ fheudar an crùnadh a leigeadh seachad ’san òg-mhios, gu ’n d’ rinn ban-fhiosaiche anns na h-Innsean fiosachd nuair a bha Iomhar na dhuin’ òg, gu ’n rìghicheadh e ach nach biodh e ’m feasd air a chrùnadh. Bha na saobh-chràbhaich a’ toirt creideas dh’a sin, agus air an aobhar sin, bhiodh e air a mheas mar thrioblaid mhoir na ’n robh ni sam bith air tachairt a chuireadh an crùnadh air ais a rithist, no eadhon a chuireadh maille ’san t-seirbhis. Gu freasdalach, cha do thachair ni dhe ’n t-seòrsa sin, agus feumaidh luchd an t-saobh-chràbhaidh cuspair eil’ fhaotainn. Agus a nis, o’n tha ’n Righ gu daingeann air a chathair, agus air a chrùnadh le sìth is càirdeas gu ’chuartachadh, faodaidh sinn a radh nach eil sluagh fo a riaghladh a’s dilse dha, no a’s dùrachdaiche ghuidheas saoghal fada agus rìgheachadh sona dha na na Gàidheil. “Dhia, gléidh an Righ le d’ ghràs, An rìgheachd as gach càs, Dhia, gléidh an Righ! Biodh e a ghnàth fo d’ làimh, Le buaidh os ceann gach nàimh Na d’ ghràdh-sa ’faotainn sàimh, Dhia gléidh an Righ!” Bardachd Oisein. ANN am Bardachd Oisean gheibh sinn an dearbhadh is laidire a tha againn air a’ bhuaidh a bha aig cumhachdan an t-saoghail mu’n cuairt doibh thairis air inntinnean ar sluaigh o shean. Cha ’n aithne dhomh gu ’m faighear ann an rioghachd no ann an linn eile fo’n ghrein duine a bha air an lionadh le morachd, le maise, agus le greadhnachas na tìre mar a bha priomh Bhard ar duthcha fein. Agus troimh ar Litreachas anns gach meur agus anns gach linn saoilidh mi gu’m faighear dearbhadh nach aich’ear gu’m be faireachduinean Oisean anns a’ chuis so fior fhaireachduinean a shluaigh. Bha a bhuaidheansan àrd os cionn buaidhean a shluaigh. Bha a shuil na bu ghloine; bha inntinn na b’ fharsainge; bha a chridhe na bu mho agus na bu bhlaithe. Ach cha’n fhac e, agus cha do bhreithnich e, agus cha d’fhairich e, agus cha do sheinn e, ach mar a chunnaic, agus mar a bhreithnich, agus mar a dh’ fhairich, agus mar a sheinn a luchd-duthcha anns gach linn, a reir nam buaidhean a bhuineadh dhoibh. Cha’n aithne dhomh ni eile ann an Litreachas ar sluaigh a tha cho chomharraichte agus cho so-dhearbhta, anns gach linn d’ ar n-eachdraidh, ris a’ chumhachd a bha aig oibreNadair thairis air an inntinnean, agus ris an fhior thoilinntinn a bha iad a’ faotainn ann am maise na tìre anns an robh an comhnuidh. Gheibhear an dearbhadh ’nar n-ainmean, ’nar focail, ’nar coimeasan, ’nar sean-fhocail, ’nar sgeulachdan, ’nar bardachd, agus ’nar seanachas anns gach linn.—D. M‘K. Rannsaicheamaid Sinn Fein. Tha ’n sgeul a thainig ugainn air gniomh uamhasach a’ bhalaich a mhort a chompanach an deigh crith oillt a chur air gach aon a leugh i. Agus mar is àbhaist, tha cuid de na paipearan a’ gabhail orra féin a radh gu bheil na pàrantan ri ’n coireachadh, ’s nach biodh uiread uilc air a nochdadh ’sa chloinn na ’n robh an aithrichean ’s am màthraichean a’ deanamh an dleasdanais. Ceadaicheadh iad sin dhuinne radh gu bhell barrachd ’s na pàrantan a’ tighinn gearr ’san dòigh so. Tha an sluagh gu h-iomlan tuilleadh is suarach mu ’n lagh. Tha àireamh mhor a tha gle choma mu bhristeadh an lagha; cha chuir e iomguin sam bith orra mur faighear a mach iad. Agus cha’n ainneamh le duine ciontach a bhi air a shaoradh le jury a chionn gur leisg leotha peanaist chruaidh a chur air. Tha so a’ tachairt eadhon aig ar dorsan. “Tha am marbh marbh, ’s cha dean neach eile mharbhadh a thoirt beò.” Cluinnear an leisgeul so ga ’ghabhail. Cluinnear mar an ceudna daoine deanamh dìmeas air lagh do ’m bu chòir a bhi ga ’chumail suas. Is aithne dhuinn eadhon paipearan a labhras gu tàireil mu laghannan nach eil iad fein a’ faicinn iomchuidh a choimhead. Nach beag an t-ioghnadh, ma ta, balaich a bhi ris an ni sin a chi iad muinntir a tha air tighinn gu aois a’ deanamh? Agus co a chuireas coir’ orra? Ma tha toil againn an òigridh a dh’ fhuireach fo smachd am pàrantan, ’s còir dhuinn sinn fein a chumail fo smachd an lagha. Mur dean sinn sin, no ma theid gach aon againn air adhart air an t-slighe ’s anns an dòigh a mhiannaicheas e fein, gun smaoin air co-dhiu tha sinn ceart no cearr, na bitheamaid cho ullamh gu bhi cur uallaichean air an òigridh nach giùlain sinn fein. Na cuireadh e ioghnadh sam bith oirnn iad a bhi ’g ionnsachadh nan leasan a tha iad ga ’r faicinn fein a’ teagasg dhaibh. Corruich nan Gaidheal Diombuan. CHA ’n ’eil, ma dh’ fhaodte, meur d’ ar Bardachd is usa a’ leigeadh ar dichuimhne nan Aoir. Feudaidh e bhi gu bheil e fior, mar thuirt am Bard Sasunnach, gu mair an t-olc a ni daoine beo ’n an deigh, agus gu bheil sinn teom air a’ mhaith a ni iad a chur anns an ùir le’n cnamhan; ach tha mi meas, ’n ar measg-ne co-dhiu, gu bheil ar cuimhne na’s fhearr air deagh ghniomhan na tha i air droch ghniomhan dhaoine. Tha mi de’n bharail gu’n dearbh ar Bardachd cho fad agus a tha cunntas earbsach againn mu deidhinn gu bheil ar corruich cho maith ri ar gaol teth; ach saoilidh mi gu’n gabh e dearbhadh mar an ceudna, agus is feart cliuiteach so ’n ar sluagh nach bu choir a dhi-chuimhneachadh, gu bheil ar gaol cho buan agus a tha ar corruich cho diombuan. An aite a bhi sgriobhadh easuntois ar daoine ann an umha agus an deadh-bheusan ann an uisge; is ann a tha e fior mu Ghaidheil na h-Alba gu’n sgriobh sinn an cliù le peann iaruinn anns a’ chraig, agus am mi-chliu le ar meur anns a’ ghaineamh. Tha am Bard anns an Aoir a’ buntainn a mhain ri nithean agus cuisean a latha fein. ’S e a rùn a bhi diteadh dhaoine a tha deanamh clì, no bhi ’caineadh agus a’ fanoid air cleachduinean nach cord ris. Cha’n amhairc e air ais air eachdraidh a’ shluaigh ach airson eisempleir no coimeas agus is gann a dh’ amhairceas e idir air thoiseach air. An uair a siubhlas an t-eucorach no a theid a’ chleachduin á fasan is gann a bhitheas moran miagh air an Aoir a rinn am Bard mu’n deidhinn. Is leoir dhuit a ghleidheadh air chuimhne mar a dh’ aoireas Baird do latha fein eucoraich agus cleachduinean mi-cheutach do latha fein. Tha e soilleir mar so, mur teid an Aoir a sgriobhadh, gur e is docha nach gleidhear air chuimhne i. Agus ma tha e fior, mar thuirt mi cheana, gu bheil na Gaidheil ann an doigh ro shonraichte deas gu euceartan dhaoine a leigeadh as an cuimhne, faodar a thuigsinn ged bhiodh Aoirean cumanta gu leoir o shean nach biodh moran diubh air faotainn an diugh.—D. M‘K. Cha do mheall e ach na dh’ earb as. [TD 29] [Vol. 11. No. 4. p. 5] Naigheachdan. PAIGH AIR-SON BLIADHN’ EILE—’S ann mu ’n àm so de ’n bhliadhna is àbhaist do ’n mhor-chuid de luchd-gabhail MHIC-TALLA a bhi ga phàigheadh air-son bliadhn’ eile. Bidh sinn gu mor an comain gach aon a chuireas ugainn, gun dàil, na tha aige ri phàigheadh. PIC-NIC AN IONA—Bha pic-nic ann an Iona Di-màirt ’s Di-ciaduin s’a chaidh. Bha sluagh mor cruinn an da latha, agus chaidh gach ni air adhart gu h-òrdail. Tha ’n t-airgiod a rinneadh ri bhi air a chur a chuideachadh ann an togail eaglais ùr an àite na te a chaidh a losgadh ’san earrach. Bidh an eaglais ùr air a deanamh de bhric ’s de chloich; nuair a bhios i suas, bidh i na togalach cho briagha dhe’n t-seòrsa ’s a tha air an eilean. LOSGADH GU BAS—Ann an Digby, oidhche Di-sathuirne, an naodhamh latha dhe ’n mhios, bha Tomas W. Longstaff air a losgadh gu bàs na leabaidh ’san tigh-òsda. Bha e leughadh ri solus lampa an deigh dha dhol mu thàmh. Chaidh an lampa thairis, a’ spraidheadh ’s a’ cur an aodaich na ’theine, agus bha esan air a losgadh cho dona ’s nach robh e beò na dheigh ach gann ceithir uairean fichead. Bha e ceithir fichead is aon bhliadhna dh’ aois. CIONTAICH OGA—Chaidh dithis ghillean òga a ghlacadh o chionn ghoirid an Aspy Bay air-son bristeadh a staigh do stòr Iain Dhomhnullaich ’san Acarsaid Mheadhonaich. Bha iad air an toirt gu cùirt am Baddeck, ’s air am faotainn ciontach. Thug am Breitheamh Dodd, a bha ga ’m feuchainn, tri bliadhna ’n urra dhe ’n taigh-obrach dhaibh. Cha’n eil am fear a’s sine de na gillean ach ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois, agus am fear eile a dha dheug. Tha e na ’ghnothuch muladach a bhi faicinn ghillean òga dol cho fad air adhart ’san olc. IASGACH NAN GIOMACH—Bha ’n aimsir anns am faodar giomaich a ghlacadh ’san dùthaich so suas air an aonamh latha deug dhe ’n mhios. Ann an Ceap Breatunn, cha robh an t-iasgach cho math ’s a b’ àbhaist. Bha an t-sìde cho doirbh roinn mhor dhe ’n ùine ’s nach robh e soirbh an glacadh, agus bha moran thrapaichean air an call. Air cladaichean New Brunswick, rinn luchd-iasgaich nan giomach na b’ fhearr; cha deach uiread a ghlacadh ann o chionn àireamh bhliadhnaichean. Air na cladaichean sin, cha ’n eil na stoirmeannan cho tric no cho millteach ’s a tha iad air cladach an ear is deas Cheap Breatuinn, a tha fosgailte ris a chuan mhor, agus nochte ris a ghaoith ’n ear. AN T-URR. D. M. GILLIOS.—Bha an t-Urr. Domhnull M. Gillios, a fhuair a bhreith is àrach ann a Hogamah, air chuairt an eilean a dhùthchais air an t-samhradh so. Shearmonaich e le mor thaitneas an eaglais St. Andrew’s, ’sa bhaile so, tri Sàbaidean am mios Iulaidh, agus bha e uaithe sin am measg a chàirdean ’sa sheann luchd-eòlais an siorrachd Inbhirnis. An uair a bha e fàgail, thug muinntir Orangedale dha, mar theisteas air am meas air fein ’s air a shearmonachadh, sporan air a dheagh lionadh le airgiod. Tha Maighstir Gillios air an t-seachduin so a falbh do Chalifornia, far am bheil e o chionn àireamh bhliadhnaichean a’ saoithreachadh. Tha sinne, maille ri chàirdean lionmhor eile, a’ guidhe saoghal fada dha, agus soirbheachadh mor na obair. FEILL NAN IUDHACH—Toiseach na seachduin s’a chaidh bha na h-Iudhaich anns gach cearna dhe ’n t-saoghal a cumail na féille a tha iad a cumail gach bliadhna mar chuimhneachan air sgrios Irusaleim. Tha an fhéill so air a cumail air an naodhamh latha de ’n mhios Ab anns a’ chùnntas aca fein. Thòisich i mu uair romh dhol fodha na gréine Di-luain, agus chriochnaich i aig dol fodha na gréine Di-màirt. Re na h-ùine sin, cha robh iad ri biadh no deoch a ghabhail. Air an oidhche, bha eachdraidh sgrios Irusaleim air a leughadh anns an t-sinagog, agus bha ùrnuigh air a cur suas, ag guidhe gu ’n toireadh Dia a shluagh féin air ais do thir an aithrichean. Air an ath latha, bha aig gach aon ri dhol do chladh ’san robh an càirdean fein an tiodhlacadh, no do chladh sam bith eile, co-dhiu b’ Iudhaich no cinnich a bha na ’n cadal ann. Tha ’n t-Iudhach ga mheas fein fad air thoiseach air fear cinnich sam bith eile fhad ’s a tha iad le cheile beo, ach do na mairbh tha e ’toirt an aoin urraim. BATHADH AIR LA A’ CHRUNAIDH—Ann an St. John, N. B., la a chrùnaidh, bha dithis dhaoin’ òga air am bàthadh air loch mu dheich mile o’n bhaile far an robh iad a’ gabhail pàirt ann an réis-bhàtaichean. Chaidh am bàta anns an robh iad a chur thairis le soirbheas làidir a dh’ eirich an ealamhachd, agus mu ’n d’ fhuaireadh g’ an ionnsaidh le cuideachadh, bha iad air am bàthadh. SGIORRADH MULADACH—Chaidh duin’ òg d’ am b’ ainm Robert Sparling a mharbhadh aig Whitney Pier feasgar Di-ciaduin s’a chaidh. Bha e ’g obair air inneal air laimhrig an iaruinn, agus air dha bhi dol air bòrd oirre ’s i gluasad air falbh leis na càraichean, thuislich e, ’s bha e air a thilgeadh dh’ an uisge astar còrr is da fhichead troigh. Bhuail a cheann air maidean na laimhrig, agus thatar a’ deanamh a mach gu robh e marbh mu ’n d’ rainig e ’n t-uisge. Cha robh e ach bliadhn’ air fhichead a dh’ aois. Thainig an teaghlach de ’n robh e an so á Baddeck o chionn dha no tri bhliadhnaichean. OGANACH TREUN—Chaidh gille òg, aois shia bliadhn’ deug, d’ am b’ ainm Rob Webster, a bhàthadh ann an Kentville, N. S., Di-haoine s’a chaidh air dòigh a bha gle chliùiteach dha fein—a feuchainn ri dithis ghillean eile a shàbhaladh. Bha iad air pic-nic ri taobh a chladaich, agus chaidh an dithis so a mach ga ’m faragadh féin. Air dhaibh dol a mach ro fhada bha iad an cunnart bàthaidh, agus chaidh esan, gun uiread ’s a chuid aodaich a chur dheth, ga ’n sàbhaladh, Chaidh aig air sin a dheanamh, ach chaill e a bheatha fein; bha e air a chlaoidh cho mor ’s gu ’n deach a tharruinn a mach leis an t-sruth, ’s bha e air a bhàthadh. TRIOBLAID AIR AN “SCOTIA”—Tha an “Scotia,” am bàt-aiseag a fhuaireadh air-son an rathaid-iaruinn aig caolas Chanso a nis aig obair. Bha i na tàmh ùine mhor a’ feitheamh gus am biodh ceadhachan freagarrach dhi air an togail air gach taobh. An deigh tòiseachadh ri ruith, bha aig moran de ’n sgioba ri obrachadh tuilleadh is fada, cuid dhiubh cho fada ri sia uairean deuga as a’ cheithir air fhichead. Dh’ aobharaich so strike, agus deireadh na seachduin s’a chaidh cha robh am bàta air ghluasad idir. Ach toiseach na seachduin so, rinneadh còrdadh ris na daoine, agus cha bhi aca ’n deigh so ri obrachadh ach da uair dheug ’san latha. Tha an Scotia mar sin air chothrom ruith a rithist. GNIOMH UAMHASACH—Air a’ cheud latha dhe ’n mhios so, fhuaireadh ann am pàirc bhaile St. John, N. B., corp gill’ òig d’ am b’ ainm Uilleam Doherty. Bha e soilleir gu leór gn ’m b’ e mhort a rinneadh, ach cha robh fhios cò aige bha lamh na ’bhàs gu ceann còrr is seachduin. Air an naodhamh latha bha dithis dhe ’chompanaich air an glacadh aig Vanceboro, ’s iad a’ teicheadh do na Staidean; agus aig cùirt a chaidh a shuidheachadh, mhionnaich fear dhiubh, Goodspeed, gu ’m fac’ esan am fear eile, Frank Higgins, a mort Doherty—a’ losgadh ceithir urchraichean air ’s an sin ga ’bhualadh ’sa cheann leis an daga gus an robh e marbh. Thug e air-san a chuideachadh a’ falach a’ chuirp, agus an sin theich iad le chéile. Bha Doherty seachd bliadhna deug, agus Higgins sia bliadhna deug a dh’ aois. Cha’n eil Goodspeed, am fear a tha toirt na fianuis, ach a ceithir deug. AM BREITHEAMH ’S AM BORD MALAIRT—Tha a’ chùirt mhor na suidhe ann an Sidni air an t-seachduin so, ’s am Breitheamh Meaghar air a’ bheing. Tha Bòrd Malairt nan Roinnean Iochdrach anns a’ bhaile cuideachd, ’s a’ cumail an coinneimhean an Tigh na Cùrtach. Di-ciaduin, chunnaic uaislean a’ Bhùird iomchuidh an dealbhan a tharruinn, agus shuidhich iad iad-fein air an staidhre tha dìreadh gu dorus Tigh na Cùrtach. Bha h-uile ni deiseil gus an dealbh a tharruinn nuair thainig am breitheamh ’s a dh’ fheuch e ri faighinn a mach. Le cuideachadh an t-siorraim fhuair e troimh ’n chòmhlan a bh’ ann, agus air dha saoilsinn gu ’n d’ thuirt cuid dhiubh ni-eigin mu dheidhinn nach robh ga ’mholadh, thionndaidh e ’s thuirt e riutha, gu ’m b’ iad gràisg bhlaigeartan bu mhi-mhodhaile chunnaic e riamh. Chuir so corruich mhor air buill a Bhùird, agus air do fhear dhiubh, Mr. DeWolf, tachairt ris a’ bhreitheamh an deigh do ’n chùirt sgaoileadh feasgar, “thug e ’n aghaidh air” air-son mar a labhair e. Cha do dh’ eisd an breitheamh ach ri facal no dha nuair a thug e òrdugh do ’n t-siorram DeWolf a chur do ’n phrìosan. Chaidh sin a dheanamh, agus bha an duine mi-fhortanach a stigh uair no dha de thìm gus an d’ fhuaireadh còrdadh a dheanamh ris a bhreitheamh air-son a leigeil mar sgaoil. Cha ’n eil e na shùgradh corruich a chur air breitheamh. Naigheachdan Gaidhealach. AM MOD. Tha sinn an dochas gu bheil ar càirdean òg feadh na Gàidhealtachd a’ cumail air chuimhne gu bheil am Mòd a tarruing dlùth ’s gur mithich a bhi bogadh nan gad. Tha duaisean lionmhor agus luachmhor air an tairgse air son sgeulachdan, bàrdachd, agus ceòl, agus tha sinn an dòchas gun leigear ris gu bheil a’ Ghaidhlig ag eiridh ann am meas air feadh na tir agus gu bheil barrachd comasach air a sgrìobhadh ’sa bh’ ann roimhe so. Faodidh daoine bhi ’g éigheach “’Suas leis a’ Ghaidhlig” gus an tùch iad, ach ’se gniomh a dhearbhas co dhiu tha iad ann an dà-rireadh no nach ’eil.—Highland News. COIGRICH ’SAN TIR. Aig an àm so de’n bhliadhna chithear coigrich anns gach ceàrn de’n Ghàidhealtachd, agus thigeadh do ar luchd-dùthcha a bhi gleusda cùramach mu na ni agus a their iad. Bidh an fheadhainn eile sùileach gu leòir mu staid nithean am measg nan Gàidheal; agus air an aobhar sin tha e iomchuidh gu’m biodh ar muinntir féin tiomchioll-gheairte an gniomh ’s an gluasad. Bidh cuid de na coigrich so aig am bheil salachar gu leòir dlùth d’ an tighean féin agus ’nan dùthaich féin, ach cha ’n ’eil iad cho ullamh a bhi faicinn agus a’ cuimhneachadh so ’s tha iad a bhi labhairt ann an spiorad mi-chaoimhneis mu na gnothuichean a chì ’s mu’n cluinn iad anns a’ Ghaidhealtachd. Tha na coigrich so a’ tighinn ás gach ceàrn feadh an t-saoghail. Agus ’nuair a théid iad dhachaidh d’ an dùthaichean féin bidh iad a’ deanamh iomradh air na chual iad agus na chunnaic iad—Oban Times. CRUNADH AN RIGH. Bha an Righ air a chrùnadh air an naodhamh latha de’n mhios. Ged chaidh an crùn a chur air a cheann cha robh idir an othail ’san ùpraid ann a bha ri bhi ann na’n deachaidh a chrùnadh air an latha a chaidh a shonrachadh an toiseach. Theagamh gu bheil e cho math nach robh an “horo-gheallaidh” ann ris an robh duil, oir faodaidh sluagh dol thar tomhas ann am fàilteachadh Rìgh ùr. “Cha bhi fhios ciod tha ’san truall gus a tàrruinnear e.” Ma leanas esan ann an cos-cheuman a mhàthar cha ’n ’eil curam nach fhaigh e urram anns an dùthaich. Thig e do’n t-sluagh a bhi guidhe gu’m faigh e eòlas agus tuigse a ghiùlan air aghaidh gnothaichean na Rioghachd so, agus thig e dhàsan gluasad gu h-umhal, oir fhuair e achmhasan cheana nach ’eil ann ach duine breòite agus gu bheil a shlàinte ’sa bheatha ann an làmh is àirde na lamhan dhaoine.—Highland News. COSLAS AN FHOGHARAIDH. Ged a bha an samhradh so gle fhiadhaich agus glé fhliuch, tha e ’na thaitneas a bhi toirt fainear gu’m bheil coslas math air a’ bhàrr feadh ar rìgheachd. Tha aobhar againn a bhi taingeil air a shon so; agus is e ar rùn agus ar n-ùrnuigh gu’m biodh toradh an fhearainn air a thionail a steach gu soirbheasach. Bidh cuid de cheàrnan gun teagamh nach bi cho gealltanach; ach bidh e ’na thlachd a bhi creidsinn gu’n tig beannachd toradh ann an tomhas de phailteas a dh’ ionnsuidh dorsan nan uile. Ann a bhi ’g iomradh air a so ’nar measg féin cha’n ’eil sinn a dìchuimhneachadh staid ar co-ìochdarain anns na h-Innsean Sear agus ann an Australia. Tha beairteas mor anns na ceàrnan ud, ach tha tiormachd, bochdainn is acras ’nan crìochan mar an ceudna. Tha mìltean a’ call am beatha feadh an t-saoghail troimh ’n ghainne. ’Na uairean tha an staid chianail so ag éiridh o aineolas agus o dhìth oidhirp is smuain. Ach bidh mar an ceudna breith air a thoirt lath-eigin air laghan eucorach agus air gnìomhan nan àrd luchd-riaghlaidh.—Oban Times. [TD 30] [Vol. 11. No. 4. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 27.) fhuaim na mo chluasan, ’s mo cheann cho aotrom ’s cho falamh ’s ged nach biodh ni ann ach gaoth, agus bha mo chulthaobh cho fuar ’s ged a bhithte ’cur uisge reoghta mhan air mo dhruim. “ ‘Ubh, ubh!’ arsa Gaorsail, an uair a luigh mi ri ’taobh, ‘’s e do chraicionn that teth.’ “ ‘Eh! ma tha,’ arsa mise, ‘’s ann tha mi fhin ga ’m fhaireachadh cho fuar ris a’ bhas.’ “Cha do chaidil mi, Alasdair, ach gu bochd, briste, ’n oidhche sin, ’s tha Gaorsail ag radha gu ’n robh mi car mu seach ag eigheachd ris an lair dhuinn ’s ris a’ bho ruaidh, ’s ris a’ chu dhubh gu latha. “Thainig a’ mhaduinn, ach cha b’ ann na b’ fhearr a bha mise. Bha mo chnaimhean mar gu ’m biodh iad air am pronnadh leis an t-suisde, ’s mo cheann mar gu ’m biodh am mullach aige dol a’ leum a mach air druim-ard an tighe. “Thubhairt mi ri Gaorsail nach b’ urra’ dhomh eirigh, ’s gu ’m feumadh i fhein agus Seonaid an dichioll a b’ fhearr a b’ urra’ dhoibh a dheanamh air coimhead an deigh nam beathaichean. “Thug Gaorsail bochd dhomh diar dhe ’n tegha bheannaichte, ’s cha bu mhisde mo chreubhag i. Ach cha robh mo chor ach truagh gu leor; cha mhor nach robh mi coma ged nach eir’inn gu bratha. “Co a thainig an rathad, Alasdair, ach bean Mhurchaidh, agus eadar mi fhin ’s tu fhein, cha ’n ’eil innte ach glaoic. Ars’ ise ri Gaorsail—’S e ’m flensi th’ air Domhull, agus feumaidh e fallus a chur dheth.’ Chuir na boirionnaich an cinn ri ’cheile, ’s cha ’n ’eil fhios nach robh an durachd math gu leor, ach cha robh an doctaireachd ach mu ’n laimh. Chaidh an toiseach a chur de phlangaidean ’s de ’bhrataichean orm fhein na dheanadh gu leor do dhusan. Chuir iad an deigh sin currachd mor air mo cheann, agus pigidh lan uisge teth ri mo chasan. Ann an tiotadh beag thainig Gaorsail le gloine mhor thodidh, ’s thug i orm a h-ol, bun os cionn. “Theann mi beag air bheag ri blaths a ghabhail, agus bha mi a’ faireachadh na bu shocraiche. Ach ann am beagan uine thainig bean Phadruig a stigh, agus an uair a sheall i orm fhin thubhairt i ri Gaorsail gu ’m feumainn brochan fhaighinn gu teas ceart a chur annam. “Cuiridh tu,” ars’ ise, “meall math ioma anns a’ bhrochan, agus bainne, agus boinnean “treacle,” ’s siucair-canndaidh, agus glaine mhor uisge-bheatha, ’s theid mise fodha dhuit gu’m bi cumhachd an cois an leighis. Ghuidh ni fhin orra gun mo phuinnseanachadh le a leithid sid a dheoch, ach an rud a ghabhas na boirionnaich na ’n cinn ’s tric gu ’n cinn e na ’n lamhan, agus chaidh ’m brochan mor a dheasachadh ’s thug iad air Domhull bochd stiorlach air stiorlach ol dheth, gus an d’ fhag an leigheas na bu mhiosa na ’n tinneas mi. “Ach cha robh mi aig ceann mo dhoruinn fhathasd. Bhuail droch ghreim anns an druim mi, ’s an uair chuala na bana-lighichean a bha agam so chuir iad an cinn ri cheile rithisd, ’s arsa bean ghorach Mhurchaidh ri Gaorsail—“’S ann a dh’ fheumas tu plasda musdairt a chur ri Domhull.” “‘Na leigeadh an cruthadair,’ arsa mi fhin, ‘gu ’m biodh a leithid sin air ur beachd; tha mise cho teth ris an teine.’ Ach cha robh maithanas air mo shon. Bha mi ’n lamhan mo naimhdean, agus ’s e striochdadh de na bhraighdeanas a b’ fheudar. Chaidh am plasda ’chur ri druim Dhomhuill, ’s bha Domhull bochd air dhroch charadh. “’S e thachair an sin, Alastair, gu’n deacha ’n greim a bha na mo dhruim air feadh mo chuirp. Chum mi orm fhin cho fad ’s a b’ urra’ dhomh mu ’s cluinneadh na boirionnaich so, ach mu dheireadh dh’ fhas am pian cho trom ’s nach robh doigh air mo staid a chleith. Cha bu cheart a chual’ iad mar bha na chaidh iad air obair, ’s cha chreideadh tu, Alasdair, cho tapaidh ’s cho dichiollach ’s a bha iad ga mo gheur-leanmhuinn. Car ma seach a cumail chludan a burn goileach, agus cuibhrige na poite moire, air a dheanamh teth ris an teine rium, mar gu ’m biodh ceann caor’ aca ga dhathadh, cha mhor nach b’ fhearr leam a bhi marbh na beo fo leithid a ghreidheadh. “Mo mholachd, ’s mo mhile molachd agaibh,” arsa mi fhin, “ma ’s e ’m bas fhein e nach leig sibh leam bas nadurrach fhaighinn.’ Ach gus an d’ rinn na boirionnaich iad fhein gle chinnteach gu ’n d’ fhuiling mi gu leor cha do sguir an ealaidh. ’S cha b’ann na b’ fhearr a bha mise ’fas. ’S docha leam gu ’n do thuit mi ann an trom theasaich ’s ann am breislichean, ’s gu ’n robh ni a’ bruidhinn air a’ chrodh ’s air na caoraich, ’s air Gleann-Dorcha-Sgail-a’-Bhais, gu leir an ceann a’ cheile. “Tha cuimhne mhaith agam-s,’ Alasdair, an uair a bhiodh duine gle iosal mar a bha mise, gu ’n cuireadh iad bean og fo ’cheann, ach cleas iomadh cleachdadh eireachdail eile bh’ aig an t-seann sluagh, chaidh an cleachdadh boidheach ud air chall. ’S e thubhairt na boirionnaich ghlic agam-s’, an uair a chunnaic iad mar bha mi, gu ’n cuireadh iad a dh’ iarraidh a’ mhinisteir, a dheanamh facal urnuigh ri mo thaobh. ’S an uair a rainig sid mo chluasan-sa, tinn, mi-chomasach, mar a bha mi, dh’ eirich mi air mo leth uilinn ’us thubhairt mi riutha—“Air sgath ’n Aon-fhir, cha d’ thoir sibh ministeir no sagart far am bheil mise.’ “Cha ’n fhaca mi, Alasdair, neach a deanamh dad a dh’ fheum riabh an deigh aon de luchd nan casagan dubha thighinn a bhristeadh a chridhe le aodann fhada ’s le briathran mi-dhochasach. B’ fhearr leam fhin sgal de ’n a’ phiob, no seisde nan eun air preas, na mo chluais aig an am. “Ged, ach gle bheag, a loisg na mnathan-eiridinn agam gu bas mi, cha do chuir sid am pian a bha na mo chorp air falbh, agus ’s ann a chinn aca gu ’n toireadh iad an olla dhomh. B’ e sid, Alasdair, na bha bhuam gus mo dheanamh cho tinn ’s a b’ urra’ do neach sam bith a bhi, agus a thighinn bhuaithe; ’s an uair a thuig mi mar a bha dh’ fhairich mi gaoth fhuar a’ dol eadar m’ fheoil ’s mo chraicionn, agus cha mhor nach robh mi coma ged a thigeadh na bha de mhinisdeirean ’s de shagartan ’san duthaich gu taobh mo leaba. Fhuaradh an ola ’s chaidh ’thoirt orm fhin—’s cha b’ ann le mo dheoin—tomhas cuimseach dhi ol. Ma bha mi gu tinn roimhe bha mi sheachd mhile mhiosaid a nise, ’s arsa mi rium fhin—‘Ma thig mise bho so ’s iomadh ceann a theid ’an currachd mu ’n gabh mise olla rithisd.’ Ach coma co-dhiu, an deigh tinneas nach robh a leithid air duine riamh, fhuair mi lasachadh. Tha mi ’gabhail rud an drasda ’s a rithisd air son na casadaich, ’s tha duil agam an uair a thig am blaths agus am bainne orinn gu ’n dirich mi ’m Meallan-ard cho gasgagach riut fhein. Ach O! Alasdair, cum bho ’n am flensi; ’s ma thuiteas ort gu ’m faigh e am ort, na gabh, na gabh, leigheas bho na h-uile boirionnach a dh’ fhaodas a bhi mu ’n cuairt duit, mar a rinn mise.” Na Gillean ’s na Losgannan. Chunnaic gillean, a bha cleasachd faisg air loch, àireamh losgannan anns an uisge, agus thòisich iad ri tilgeadh chlach orra. Bha iad air roinn dhiubh a mharbhadh nuair a thog aon losgann a cheann os cionn an uisge, ’s a thuirt e riutha: “Deanaibh stad, ’illean; ma tha ’chluich so na spòrs dhuibhse, tha e na bhàs dhuinne.”—Æsop. Litir a Sidni Tuath. Shaoil mi gun rachadh agam air aon litir eile ’sgriobhadh ugad á Ceap Nor, ach a dh’ innseadh na fìrinn, ’s beag nach robh e eucomasach dhomh uine ’ghabhail a chum sin a dheanamh, agus ma tha neach sam bith ri choireachadh air son an dearmaid, càirich a choire mu cheann an Tuathanaich Bhain, oir ’s i chabhaig a bha airsan ann an deanamh deas gu tigh’n do’n bhaile so a dh’ fhag mise cho fior dhripeil le bhi ’g a chuideachadh air adhart gus an la ’n diugh. Faodaidh mi innseadh d’a chairdean gu bheil e ’deanamh mar a dh’ fhaodas e ann a bhi cur suas bùth saoirsneachd agus tigh comhnuidh dha fein ’s a bhaile so, agus tha mise ’sgriobhadh na litreach so a’ m’ thigh fein, an tigh a thog e fein agus Alasdair Og mu ’n àm so ’n uiridh. Cha robh fios aige-san na ’s mo na bha agam fein gu’n robh na Gaidheil cho lionmhor an taobh so dhe ’n bhaile. ’S ann a tha iad ceithir thimchioll oirnn, agus tha e ’n a thoileachadh a bhi toirt fainear cho ullamh ’s a tha cuid dhuibh gus a chànan bhlasda, bhinn a labhairt ri ’cheile, a dh’ aindeoin Ghall no eile a dh’ fhaodas a bhi ’s an eisdeachd. B’ aithne dhomhsa o chionn fada cuid nach labhradh leth-dusan focal Beurla gu h-ordail, a bha ’g a mhios na ni maslach do Ghaidheil a bhi comhradh ri ’cheile ’n an cainnt fein an lathair Ghall, agus cha ’n ’eil teagamh agam nach faighear iomadh duine ciallach a tha ullamh gu radh nach robh an leithid sud a dhaoine aca fein, gu ’n robh ni-eiginn a dhìth orra, agus gun agadh cuiream fein m’ amen le neach sam bith aig am bheil a bharail sin. ’S i bharail chumanta gur ann an taobh so—an ear thuath—a tha ’m baile so gu bhi a fàs an deigh so, gus am bi e fein agus baile na mèinne ’n a aon bhaile mòr. Tha ’chuideachd iaruinn agus ghuail a tha ’n taobh so a dol air adhart le ’n obair gu foghainteach, agus cha teid mòran ùine thairis gus am bi a chuideachd a tha nis a criochnachadh an tramway eadar Glace Bay agus Sidni, a toiseachadh air a chuid eile dhe ’n rathad sin a thogail eadar a mheinn so, Sidni a Tuath agus Sidni. ’Nuair thòisicheas carbadan air ruith air an rathad so le cumhachd dealanaich bithidh e ’na dheisealachadh mor do gach aon leis an àil dol o aon bhaile gu baile eile, no air astar goirid no fada an cois an taoibh a tha e gus a bhi air a thogail. A nis, o nach ’eil fios agam gu ro mhath ciod tuilleadh a sgrìobhas mi aig an àm so, gabhaidh tu mo leith-sgeul agus bithidh dòchas agam gu ’n dean mi na ’s fearr leis an ath iunnsuidh. Is mi mar bu ghnàth, do charaide dileas, M. D. An Gille a’ Snamh. Bha gille, a chaidh a shnàmh ann an abhainn, an cunnart a bhi air a bhàthadh. Ghlaoidh e ri fear a bha ’gabhail an rathaid airson cuideachaidh. Thainig am fear sin gu bruaich na h-aibhne, agus an àite làmh-chuideachaidh a shìneadh dha, ’s ann a sheas e, gu neo-aireachail, a’ trod ris a’ ghille air son ’amaideachd. “O, dhuine!” ars’ an t-òganach, “cuidich leam an dràsda, agus troid rium a rithist.” Tha comhairle, os eugmhais cuideachaidh, gun mhath sam bith.—Æsop. AM BARR ’san IAR-THUATH—Tha dùil ri bàrr anabarrach trom ann am Manitoba ’s anns an Iar-Thuath air an fhoghar so. An uiridh bhuaileadh tri fichead is tri millein buiseal sil, agus o’n tha barrachd mor fearainn fo bhàrr am bhliadhna, agus gach ni ag amharc gu math, tha dùil gu ’m buailear mu cheithir fichead millein buiseal. [TD 31] [Vol. 11. No. 4. p. 7] Fios-Freagairt DO LITIR AONGHAIS IC ILLEOLAIN. ’Sa Chamus Fharsuinn, le Ailean Domhnullach, an S, W. Margaree. Fhuair mi litir ’s an am Bho m’ charaid a nall, Ann an cànan na sònn ’s na Feinne; Cainnt mhilis nam buadh, Nach leig sinne bhuainn Gus an cairear ’s an uaigh le cheil’ sinn. ’S i thog orm fonn, ’S dh’ eirich m’ aigne le srann ’Nuair rinn mi na bh’ ann a leughadh; Oir bha iomadach sgeul Air innse dhomh fhein, Leis an fhiuran ’bha fiughail, eibhinn. Dhomhs’ a b’aithn’ thu bho d’ oig— Tha thu cridheil, lan spors, Bu tu ’n saighdear ochoin! nach treigeadh; Na’m bitheadh tu ’n càs, No aig nàmhaid an sàs, Dheanadh spiorad a Ghaidheil riut eirigh. Tha thu dh’ fhine na sonn A bha ’m Morair nam beann, ’Bhiodh gaisgeil ’s an am dhaibh eirigh; ’Dol a chogadh ri namh Bhiodh an claidheamh na’n laimh, ’S iad a sheasadh gun sgàth ’s nach geilleadh. Bu tu oigear nam buadh Tha gle shiobhalt’, deas, suairc’, ’S ioma ribhinn ’tha truagh mu d’dheighinn; Iad a guidhe ’s gach am Gu ’m faigh iad thu ’m bann Le cumhnantan teann na cleire. Cha ’n e leomag gun tur Anns an cuireadh tu ùis Ach maighdean gle chuirteil, beusach, Chuireadh taigh dhut air doigh, Agus biadh dhut air bord, ’S gach ni ann an ordugh gle-mhath. ’S e thu dh’ fhagail do thir Abhainn mhaiseach Mhargaree, Dh’ fhag mise, da rireamh, deurach; Far an tric a bha sinn ’Gabhail solais leinn fhin,— Bhiodh an comhradh, le cinnt, gle eibhinn. ’Nuair thig am mios Maigh, ’Sa thionndas am blaths, ’S a bhios flurain a’ fas fo’n ghrein-ghil; Theid mise le surd Do’n Chamus a null A shealtuinn an diulnaich threin ud. Bho ’n tha mi ’san am Le tinneas gle fhann, ’S mi cadalach trom gun speirid, ’S nach cinich leam dan Is m’ inntinn fo phramh— Guidheam beannachd gu brach nach treig dhuit. Mo Dhomhnullan Fhein. LE NIALL MAC LEOID. AIR FONN—“The Flower of Dunblaine.” ’N uair ’chruinn’cheas an òigridh, Gu mire ’s gu sòlas, Bidh mise na m’ ònar ’S an t-seòmar gun ghleus; Ag cuimhneachadh còmhraidh An fhleasgaich a leòn mi, ’S an gaol thug mi òg do Mo Dhòmhnullan fhéin. Tha m’ athair ’s mo mhàthair Ri gearan ’s ri cànran, ’S ag cantainn nach fheàrr mi Na pàisde gun chéill, Mo ghaol ’thoirt a dh-òigfhear ’Tha daonnan a’ seòladh, ’S a sgaoileas a stòras Gun ghò ris gach té. Ged gheibhinn fear chruachan Le pailteas mu ’n cuairt da, Gun toirt aig an t-sluagh dheth, Gun suairceas ’n a ghnè; Ciod e ni e dhòmhsa Na chunntadh e ’dh-òr dhomh, ’S mo chridhe le deòin aig Mo Dhòmhnullan fhéin? Tha bliadhn’ agus còrr bho Na thriall e bho ’eòlas, ’S tha ’iomhaigh cho beò dhomh ’S ged sheòladh e ’n dé; Cha ghéill mi do dh-òigfhear, ’S cha tréig mi na bòidean A sheulaich mi òg do Mo Dhòmhnullan fhéin. Tha dualagan bòidheach Dhe ’chuailean na m’ phòca, ’S a dhealbh air a chòmhdach Le òr ann an céis; Tha ’shuilean cho beò ann, ’S a ghruaidh mar na ròsan, Ag ùrachadh dhomhsa Mo Dhòmhnullan fhéin, ’N uair ’thachradh an còmhlan ’S a chlachan Di-dòmhnaich ’N am measg cha robh òigfhear Cho còmhnard ’n a cheum; Cho beusach ’n a chòmhradh, Cho fearail ’n a dhòighean, Bhiodh sùil aig gach òigh air Mo Dhòmhnullan fhéin. Gu ’m b’ òg bha sinn còmhladh ’An doire na smeòirich, ’S an dubhar ’g ar comhdach Fodh spògan nan geug: A’ tional nan neòinean, Gu h-inntinneach ceòlmhor, Ri briodal gun ghò le Mo Dhòmhnullan fhéin. ’N uair ’dh’ éireas na cuantan, A’ beucail le buaireas, Na neòil air an ruagadh, ’Us gruaim air an speur, Bidh mise na’m’ ghòraig Ag éisdeachd an còmhraig, ’S mo chridhe ’g a leòn mu Mo Dhòmhnullan fhéin. Am Freasdal ’bhi ’stiùireadh Nan gaothan le ciùine, ’S ag còmhnadh mo ruin anns Gach dùthaich ’us ceum; ’G a dhion ’us ’g a sheòladh Gu ’m pill e gu ’eòlas— Gur mi ’dheanadh sòlas Ri m’ Dhòmhnullan fhéin. Ach mur till e gu m’ ionnsaidh, Gur mise ’bhios tùrsach; Gu ’n càirear fodh ’n ùir mi Cha mhùch mi mo spéis; Cha taobh mi ri oigfhear ’S cha chaochail na boidean, ’S an gaol ’thug mi og do Mo Dhòmhnullan fhéin. Iadsan a Phaigh. Coinneach MacImhear, Steornabhagh, Alba Domhull E. Mac Fhionghain, Bridgeport. Oighrig Strachan, St. Esperit. Ruairidh Mac Phillop, Loch Lomond. Tormad Mac Leoid, Sidni. Bean Iain Pheutain, C. R. Leitches’ Creek. Ruairidh Mac Coinnich, Whitney Pier. Iain Mac Fhearghais, Campbird, Colo. Eachunn Mac Fhionghain, Priceville, Ont. An t-Urr. A. Mac Mhuirich, Sonya, Ont. D. W. Mac Gillebhràth, Dalkeith, Ont. Dr. D. H. Domhnullach, Welsford, N. B. An t-Urr. C. Caimbeul, Strathalba, E. P. I. Mrs. Caimbeul, Little Bras d’Or. An t-Onarach Uilleam Ros, Halifacs. A. I. Mac Fhearghais, Caribou Marsh. Gilleasbuig Mac Phàil, Orangedale. Gilleasbuig W. Domhnullach, Glace Bay. Niall Mac Neill, Boston, Mass. M. Lamont, Quincey, Mass. Domhull E Mac Illemhaoil, S. Lake Ainslie Domhnull Mac Gilleghlais, Stellarton, N.S. An Dotair Mac Thearlaich, Manitou, Man. Coinneach Mac Gillinein, Middle River. Uisdean Gillios, Upper Margaree. Posadh. Ann an Orangedale, air 6mh latha de Ogust, leis an Urr. Alasdair S. Mac-Neill, Robert D. Davis ri Catriona I. Nic-Neill, Orangedale, nighean Sheumais Mhic-Neill nach maireann. Bas. Ann am Bridgeport, air an 10mh latha de Ogust, Gilleasbuig Domhnullach, tri fichead is seachd bliadhn’ deug a dh’ aois. Thàinig e air imrich do ’n dùthaich so a Uidhist a’ chinn a tuath nuair a bha e da bhliadhn’ deug a dh’ aois, agus shuidhich e comhla ri phàrantan an New Boston, far an d’ fhuirich e àireamh mhor bhliadhnaichean, fo dheagh chliù agus fior mheasail aig gach aon a chuir eolas air. Bha e na ’dhuine bha comharraichte air-son a dhiadhachd, agus aig an robh buadhan inntinn thar a chumantais. Bha tomhas math de spiorad na bàrdachd ann, agus an uiridh chaidh leabhran beag de ’shaothair a chlo-bhualadh ann an oifis MHIC-TALLA. Rinneadh eildear dheth an coithional Mhira ri linn an Dotair Mhic-Leoid. Dh’ fhàg e bean, ceathrar mhac is dithis nighean, a bharrachd air àireamh mhor de chàirdean leis am b’ ionmhuinn e, agus aig am bi mor ionndrain air. Ni oigear leisg bodach brisg. Na dean uaill a cuid duine eile. Is minig a thainig fìor á fanaid. Is mios’ an t-eagal na ’n cogadh. Is miosa na ’n uireasbhuidh tuille ’s a choir. Is minig a fhuair fear na h-eadraiginn buille. Na sìn do chasan na ’s fhaide na theid d’ aodach. Na creid an droch sgeul gus an dearbhar i. Na creid gur h-aithne dhut duine, gus an roinn sibh creach. Nàdar circe, ’s nàdar muice, ’s nàdar mnatha—gabhaidh iad an rathad fhéin. Is minig a thainig gnothach na bain-tighearna gu bothan cailleach nan cearc. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. [TD 32] [Vol. 11. No. 4. p. 8] Oran. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN. Gur moch rinn mì dùsgadh, ’S an ùr mhadainn chéit’, ’S a dhìrich mi ’m bruthach Gun duin’ ach mi féin; Tha ghrian air a turus A’ siubhal troimh ’n speur, Dealt na h-oidhche a’ tuirlinn Thar ùr dhos nan geug. A’ dìreadh an aonaich Ri aodann a’ chùirn, ’S binn torman a’ chaochain Is aoibheala bùrn; Le ’ròis air gach taobh dheth Ag aomadh fo ’n drùchd, ’S e ri dearrsadh na gréine Ag éirigh ’n a smùid. ’S binn na h-eòin feadh nam preasan Gu leadarra ’seinn, Tha ’n uiseag làn sòlais Ri ceòl os mo chionn; Na ba-laoigh anns a’ gheumnaich Air an réidhlein ud thall, ’S mac-talla nan creagan ’G am freagairt air ball. ’S àluinn trusgan a’ ghlinne Suas gu binnein nan stùchd, ’S cùbhraidh bòltrach nan luibhean ’N am chuinnein mar thùis; Ged ’s bòidheach gach doire, Anns a’ choille ’s a’ bhrùchd, Ged tha ’m barrach cho ùrail, Cha dùisg e mo shunnd. An so air faobhar a’ mhullaich Gur muladach mi— Ceann-aobhair mo thuiridh Leam gur duilich r’a inns’; Nach dirich mi tuille Ri munadh ’s an tir— Nach dean mi cùis-ghàire ’N gleann àillidh mo chridh’. Cha’n ’eil gleannan cho aoibheil Ri ’fhaotainn mu’n cuairt, Le d’ bheanntainean àrda ’Cur sgàth ort o’n tuath; Ann an dùdlachd a’ gheamhraidh Gun ghreann ort, gun fhuachd— Mo sgaradh ’s mo chràdh-lot A bhi d’ fhàgail cho luath! Ged is iomadh fear finealt’ Anns na h-Innsean ud thall, Chaidh a dh-iarraidh an stòrais, O’n tha ’n t-òr oirnn cho gann; Am fear ainneamh de’n àireamh A thig sàbhailt’ a nall, ’N a bhodach gun spéirid Odhar, éislelneach, fann, Air tilleadh do’n dùthaich, ’S e ’dhùisgeas am bròn, ’Bhi ’faicinn m’a choinneimh Luchd-comuinn na h-òig’; Cho sunndach, geal, loinneil, Ged tha ’ghoinne ’n am pòc— Gun uireasbhuidh slàinte Ged tha iad gun stòr. ’S mairg a mholadh na h-Innsean ’S gach rioghachd o dheas, ’S am bi cholann ’s an inntinn ’G an striochdadh le teas; Far nach urrainn dhuit gluasad Gun fhuathas a’s geilt, Agus uamh-bheist ’g a chùbadh Fo dhùiseal nam preas. ’S mi ’ghluaiseadh gun smalan Ann an gleannan an àigh,— ’S moch a shiùbhlainn do phreasan Gun teagamh, gun sgàth; Anns an òg-mhadainn chùbhraidh, ’N uair bhiodh drùchd air gach bàrr Nàile dhìrinn ri d’ stùchd-bheinn Gun chùram roimh nàmh! Ach ’s tiom dhomh bhi ’g éirigh ’S bhi téurnadh o’n àird, Cha dean luinneagan feum dhomh, Cha dean éigheach dhomh stàth, Feuch am bàta fo ’comhnard Aig còmhdach na tràigh, Tha gu m’ ’ghiulan null thairis A gleannan an àigh. Bheir mi sùil thar a’ bhealaich Air na beanntan mu ’n cuairt, So an sealladh mu dheireadh Air gach gleannan a’s bruach; A’ fàgail leibh beannachd, ’N àm dealachadh uaibh, A’ téurnadh an aonaich ’S iad mo smaointean ’tha truagh. Ach ’s diomhain mo smaintean, Nach faoin dhomh bhi ’caoidh; Cha ’n ’eil neach anns an t-saoghal ’G a fhaotainn le ’dhiù; Ge blàth an fhuil chraobhach ’Tha ’taosgadh o ’m chrìdh, ’S ro ghearr gus nach plosg i Fo phlocan ’s a chill. ’Thi ’chruthaich an saoghal ’S a chuir na daoine so ann, ’S a thug dhuinne Fear-saoraidh A dh-aontachadh leinn; Tha thu ’g éisdeachd ri ’m òran Cho brònach ’g a sheinn, Bidh mi ’striochdadh do d’ òrdugh Bheir thu dhomhsa mo roinn. An Gille Dubh Cha Treig Mi. An gille dubh cha tréig mi, ’S le fear a’ chruidh cha téid mi An gille dubh cha tréig mi, Bho’n thug mi fhéin mo ghealladh dha. Tha mo chàirdean deònach, ’S iad toileach mise ’phosadh, Ri fear air son a stòrais— Nach gòrach leibh ’n am barail iad! An gille dubh, etc. Is e mo ghaol an t-uasal A dh’ imich thar nan cuantan; Bu shealgair choileach-ruadh e, M’ an gluaiseadh iad ’s a’ chamhanaich. ’N uair dhireadh tu na stucan Le d’ ghunna caol nach diùltadh, Bhiodh coilich-dhubh na durdail Ga ’n toirt o chùl nan toman leat. ’N uair theid thu thun na feille Do ’n chlachan ri là greine, Cha ’n fhaicear measg nan ceudan Fear eugais a’ ghille dhuibh! Gur e mo ghaol an t-oigear Aig ’bheil a’ phearsa bhoidheach— Troidh chuimir am broig chomhnaird Nach toir air feoirnein carachadh. Gur e mo ghaol an t-oigear Aig bheil a’ mheall-shuil bhoidheach: Gu’n aithnichinn do cheum còmhnard A mach air lòin a’ bhaile so. Gur e mo ghaol an t-àrmunn A chaidh a nunn thar sàile; Na ’m faighinn cead do chàirdean, Gun dàil gu’n deanainn banais dhuit. Cha b’ ioghnadh mi bhi ’n tòir ort ’S do ghruaidhean mar na ròsan; Do chneas mar chanach lòintean, ’S mar ite ’n eòin do mhalaidhean. ’S ann an raoir a rinn mi bruadar Am chadal air a chluasaig— ’S a mhadainn, ’n uair a ghluais mi, Gu ’m b’ fhada bhuam an gille dubh. Gur mise th’ air mo lionadh, ’Bhi cuimhneach air do bhriathran; Gu ’m b’ fhearr nach fhacas riabh thu Ma thug thu ’m bliadhna ’n car asam. Ma rinn thu mise ’thréigsinn Le comhairle luchd-breige, Cha ’n fhiosrach mi fo ’n ghréin Ciod am feum a th’ anns an leannanachd. Ma rinn thu mise ’thréigsinn Le comhairle luchd-breige, Mo mhile beannachd féin leat Bho ’n ’s e gu ’m b’ fheudar dealachadh. Is ann againne a gheibh thu na Gloineachan Sula a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan. (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 33] [Vol. 11. No. 5. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 5, 1902. No. 5. PIOBAIREACHD. LE IAIN MAC NEILL. AM measg gach seòrsa dhaoine bha riamh air aghaidh an t-saoghail air am bheil eachdraidh againn tha sinn a’ faotainn gu ’n robh ceòl ’g a chleachdadh nam measg uile, agus anns an linn so tha daoine cho déidheil agus cho eòlach air ceòl ’s a bha iad ri linn air bith de an àm a chaidh seachad. Is e seinn le a ghuth a cheud doigh air an dean duine Ceòl, ach gle thrathail ann an eachdraidh an t-saoghail thoisich daoine air innealaibh ciùil a dhealbh, do bhrigh gu bheil iad na ’s freagaraiche airson iomadh àm agus feum sonruichte chum a bheil ceol air a chleachdadh na ’s urrainn guth a bhith. Tha mi creidsinn gur h-e gleus connlaich a cheud inneal ciuil a chaidh dhealbh, agus an sin leis a ghleus a dheanamh na b’ fhaide agus tuill a ghearradh air airson nam meur chaidh a cheud fheadan (no siùnnsair) a dhealbh. A toiseachadh mar so rachadh a rithist am feadan a dheanamh de chuilc agus an sin de fhiodh—an stugh is feàrr fuaim is aithne dhuinn. An déidh so chaidh dos no dhà agus balg, no màla chur ris an fheadan agus bha seòrsa de Phiob air a dealbh. Gun ag air bith thainig i nuas o linntibh fada fad air ais, agus tré iomadh seorsa sluaigh a bha deanamh leasachadh beag an sid ’s an so mar chitheadh iad iomchuidh, mar tha air a dhearbhadh le seann obair-shnaidhte agus le dealbhan air seann chùineadhan. Bha i air a cleachda am measg nan Romanach, a fhuair i mar is dòcha o na Greugaich, agus bha an t-Impireadh Nero air am bheil deagh chliu mar fhear ciùil, ach droch chliù anns gach nì eile, ’na Phiobaire. Tha Piob fathast ’ga chleachduinn anns an Eadailt agus anns an Fhrainge, ach is gann gu bheil coltas air bith aig an inneal so ri Piob-mhor nan Gaidheal. Cha’n eil fios c’uin a chaidh a Phiob ’thoirt an toiseach do Bhreatann, ged tha e dearbhta gu an robh Piob de sheòrsa air choir-eiginn anns gach cearna dheth aon uair. (Is ann á Albainn a fhuair na h-Eirionaich a Phiob). Ge b’ e c’uin no c’àite an d’ fhuair na Gaidheil a’ Phiob thug iad atharrachadh orra air iomadh doigh gus a bheil i làn iomlan mar a chi sinn i aig an latha ’n diugh, agus a nis cha’n ’eil aig sluagh fo ’n ghrein inneal-ciùil a bhuineas dhaibh fhein a mhain mar a bhuineas a’ Phiob do na Gaidheil. Ann an ceàrnaibh eile de ’n Eilean agus ann an Eirinn thug daoine iomadh atharrachadh air a’ Phiob gus an robh ceithir no còig de sheorsachan ann le dealachadh farsuinn eadar iad uile agus a Phiob-mhor. Tha gach seorsa dhiu so nis a’ dol a dhith, ach tha mi toilichte ’radh ged thainig iomadh caochladh air staid agus cor nam Piobairean agus na Pioba gu bheil iad le cheile fhathast theagamh cho lionmhor ’s a bha iad riamh. Thainig iomadh muthadh air a Ghaidhealtachd o àm Chùil-fhodair agus mu an Phiobaire nis— “Cha chluinnear do cheol ’san dùn mu fheasgar, No mac-talla na mùr le mùirn ’ga fhreagairt.” Ach cha ’n ’eil cearnadh de an t-shaoghal chum an do ghluais, no an do sgapar, na Gaidheil nach do ghiulain iad leo Piob mhor an dùthcha, agus aig an latha ’n diugh cha ’n ’eil goinne dearbhaidh againn gu ’n robh firinn a ruigeadh na b’ fhaide na theagamh bha e fein a smuainteachadh anns na briathran a labhair Donnacha Bàn o chionn còrr is coig fichead bliadhna— “’S i piob nam feadan siubhlach A’ bhuidhneadh cliù ’s a champ, Air thoiseach nan laoch ùra ’S meoir lùghmhor dlu na ’n deann, A chaismeachd ghasda, shunndach, Bu dùthchas d’ i bhi ann, ’S pailt a nis as ùr i Ged bha i aon uair gann.” Bho nach Piobairean no luchd ciùil uile tha ’s an eisdeachd cha bhiodh e freagrach dhòmhsa innseadh gu mion mar tha na tuill ann am feadan na Pioba air an roinn, ach feudaidh mi radh gu h-athghear gu bheil fuaim an fheadain leis na meoir uile dùinte a freagairt do an fhuaim Fà air reir na doigh channtaireachd ur ris an abrar Sol-Fa. Fà, agus mar sin an aird meur an deidh meoir gus a bheil an òrdag a freagairt do an dara Soh. Is e so gleus D. A rithist le soh a ghleuis so a ghabhail airson Do ùr gheabhar gleus A, agus cha mhor nach eil fuaim gach meur ceart, ach an lùdag dhùinte a tha tuilleadh ’s a choir maol. Tha atharrachadh beag an t-seol nàdurra ann an cuid de na tuill gu sonraichte anns an treasamh agus anns an t-seathamh toll chum gu an cord iad uile ra cheile agus ri fuaim nan dos, agus mar so gabhaidh puirt ann an gleus D agus A, maille ri iomadh aon ann an gleus G agus C cluich air a Phiob. Cha mhotha ’s fhearr dhomh toiseachadh air mineachadh dhuibh mu nithibh sonruichte a bhuineas de chluich na Pioba mar tha Siubhal. Siubhal dubailte, Siubhal Sleamhuinn, Taorludh, Taorludh mach, Crùnludh, Crùnludh breabach, Crunludh fosgailte, barludh, agus buiblean sonruichte eile tha anns a phiobaireachd a thuigeas a mheud agaibhse a tha ’nar piobairean, ach a tha eagal orm nach b’ urrainn mi ’dheanamh ro shoilleir dhuibhse nach eil anns a bheagan uine tha romhainn. Aon ni dh’ iarruinn oirbh a dheanamh: chi sibh ann an iomadh leabhar ciuil Beurla mineachadh air Piobaireachd ag innseadh gu bheil an t ùrlar an toiseach a ciallachadh dol an òrdugh cath—siubhal imeachd an comhdhail an Nàmhaid—taorludh toiseach bhuillean, crùnludh teas na tuasaid, an t-urlar an deidh sin bàs a cheannaird, agus mar sin a sios: na creidimh dà fhacal dheth so. Ciamar sam bith a thainig na siubhlaichean a dh-ainmich mi gu bhi air an dealbh tha iad ’g an cur ach beag air na h-uile piobaireachd—Cruinneachadh, Failte, no Cumha—agus cho fada ’s a ni mise mach cha ghabh aobhar, na seadh, nan siùbhlaichean a dhearbhadh le cinnt, ach cha’n fhaod mi leanailt na ’s fhaide air an earrann so de ’m chuspair air eagal gu ’m fas sibh sgith dhiom. Is e b’ fhearr leam beagan innseadh dhuibh mu Phiobairean ainmeil, agus mu ’n saothair. O shean bha aig gach Ceann Cinnidh Gaidhleach Bard a bha am bitheantas na chlàrsair. B’e cuid de dhleasanas a Bhàird eachdraidh a dhaoine a chumail air chuimhne ann an dàin, agus an aithris ri am feuma chum an sluagh a bhrosnachadh gu treubhantas. Gun ag tha sibh uile eòlach air an Duan ainmeil sin “Brosnachadh Catha le Lachunn Mor Mac Mhuirich Albannach, do Dhomhnull a Ille Righ Innse-Gall agus Iarla Rois latha Machraich chath-gairiach” (Battle of Harlaw) a chaidh a chur anns a bhliadhna 1411. Nochdaidh am Brosnachadh so lan bheartais ar cànain cho fad ’s is beo duine a labhras i no a thuigeas na leabhraichean anns am bheil i air a tasgadh, ach is e tha toirt orm iomradh dheanamh air so gu ’m b’e sin ach beag am blar mu dheireadh anns an do bhrosnaich am Bard am feachd, agus gu an deachaidh am Piobaire a chur na àite gu bhi a togail inntinn an t-sluaigh ri uchd cruadail. Tha fhios gu an robh a Phiob ’g a gnathachadh am measg nan Gaidheal fada roimh ’n am so oir tha a’ Phiobaireachd a’s sinne theagamh tha nis air mhairean air a h-ainmeachadh air “Cath Bealach na Broige” a chaidh chur mu chrich na treasamh linn deug, agus tha aobhar gu chreidsinn nach b’e so toiseach deilbh an t-seorsa ciuil so. Thainig a’ Phiob gu meas mor am measg nan Gaidheil agus bha barail ro àrd aig na Piobairean orra fhein agus air an dreuchd. Bha gille aig na Phiobaire chum na Piob a ghiùlan agus cha bhiodh e’ deanamh obair air bith. Bha Piobaire d’ am b’ ainm Iain Mac Griogair ann an teaghlach Ghlinn-a-garadh fad iomadh ginealach agus thuirt a Bhantighearna ris lath àraidh, gu an robh ioghnadh oirre nach robh e deanamh beagan oibre ’n uair bha e air a shocair—“Gu dearbh le ’r cead,” arsa Iain, “is bochd an oighreachd nach gleidh an t-uachdaran agus am Piobaire gun a bhi ’g obair.” Bha Oilthigh aig iomadh dream de Phiobairean agus gillean oga teachd ’g an ionnsuidh chum eòlas fhaotainn air Ceòl agus air a’ Phiob. Cha cheadaicheadh na seana Phiobairean seorsa ciuil air bith ach Ceòl Mor, agus cha ’n ’eil idir moran ùine o ’n a thainig Ceol-dannsaidh gu bhi air a chluich air a’ Phiob. Tha Sir Walter Scott ag innseadh sgeul beag abhachdach a tha toirt dearbhadh air so. Aig tigh-òsda sònruichte ’sa Ghalltachd dh’ fhan aon oidhche cearthar fhear agus aig am imeachd dhaibh ’s a mhaduinn dh’ fharaid am fear a bu shinne dhiu, a bha do réir coltais ro mhor as fein, do bhean an taighe, an robh riamh roimhe de urraim aice an leithid sin de chuideachd a chur seachad oidhche ’na fàrdaich—agus an sin dh’ innis e gu ’m b’e fein Ministeir sgireachd shònruichte agus gu’m b’ iad a chompanaich a thriùir mhac a bha gach fear dhiu ’na Mhinisteir sgireachd mar an ceudna. Fhreagair a bhean chòir agus i nis a tuigsinn co bh’ aice agus a’ cuimhneachadh nach robh meas ro ard air a h-aon diubh mar shearmonaiche, gu dearbh nach robh a leithid de chuideachd riamh roimhe na tigh ach aon oidhche ann am bliadhna Theàrlaich ’nuair a dh’ fhan aice seann Phiobaire Gaidhealach le a thriuir mhac, piobairean mar an ceudna, agus an deamhan car dannsaidh a b’ urrainn a h-aon diu thoirt seachad. (Ri leantuinn.) PAIGH AIR-SON BLIADHN’ EILE—’S ann mu ’n àm so de ’n bhliadhna is àbhaist do ’n mhor-chuid de luchd-gabhail MHIC-TALLA a bhi ga phàigheadh air-son bliadhn’ eile. Bidh sinn gu mor an comain gach aon a chuireas ugainn, gun dàil, na tha aige ri phàigheadh. [TD 34] [Vol. 11. No. 5. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. VII. BHA ’n t-seana bhean choir fo dhragh-inntinn gle mhor an uair a chunnaic i gu ’n robh Aladin suidhichte gu ’n deanadh e an rud a bha e ’cur roimhe. “A mhic,” ars ise, ris a rithist, “is mìse do mhathair a chuir thun an t-saoghail thu, agus tha mi toileach rud sam bith a tha reusanta ’dheanamh air do shon. Nam biodh agam ri dhol a dh’ iarraidh mna dhut air aon dhe na coimhearsnaich a th’ anns an aon inbhe riut fhein, rachainn ann le m’ uile chridhe; agus an sin bhiodh maoin no ceird agad leis an cumadh tu thu-fhein agus do bhean suas. An uair a tha toil aig daoine bochda mar a tha sinne ’posadh, is e a’ cheud rud air an coir dhaibh smaoineachadh, cia mar a tha iad gu bhith ’g an cumail fhein suas. Ach gun ghuth a thoirt air an t-suidheachadh iosal anns an d’ rugadh tu, agus air do shuidheachadh bochd agus do neo-airidheachd, tha thu ’g iarraidh a dh’ ionnsuidh an t-suidheachaidh a’s airde anns am b’ urrainn am fortan do chur. Cha ’n ’eil thu toileach aon a’s isle staid na nighean an righ ’iarraidh ri ’posadh ged a tha fhios agad gu ’m faod an righ le aon fhacal do ghearradh as. Cha ’n ’eil mi ’g radh mu d’ dheidhinn fhein ach gu ’m bu choir dhut smaoineachadh, nam biodh smaointean annad, air ciod a tha thu ’cur romhad a dheanamh. “Tha mi nis a’ dol a labhairt riut mu dheidhinn nan gnothaichean a bhuineas dhomh fhin. Cia mar a b’ urrainn smaointean cho neo-chumanta eirigh ’na d’ cheann ’s gu ’n iarraidh tu ormsa dhol far am bheil an righ a dh’iarraidh a nighinn dhut ri ’posadh? Abair gu ’n robh mi cho dana agus cho dalma ’s gu’n deachaidh mi far am bheil an righ a dh’ iarraidh a leithid a dh’ iarrtus gun tur, co air a dh’ iarrainn mo thoirt an lathair an righ? Nach ’eil thu fhein a’ tuigsinn gu ’n gabhadh a’ cheud neach ris am bruidhninn barail gu ’n robh mi air a’ chaoch agus gu ’n deanteadh peanas orm a reir mar a thoill mi? Abair a rithisd gu ’n d’ fhuair mi cead a dhol an lathair an righ, mar a tha fhios agam a gheibh a h-uile neach a theid a dh’ iarraidh ceartais air, agus a tha e gun chlaon-bhaigh a’ toirt do gach aon fa leith dhe ’n t-sluagh a tha fo ’riaghladh; tha fhios agam mar an ceudna gur ann do ’n mhuinntir a tha airidh air fabhar a nochdas e fabhar, agus gu ’n dean e so le toil ’s le tlachd. Ach an e so do shuidheachadh-sa? Am bheil thu ’smaointean gu ’m bheil thu airidh air an fhabhar a tha thu ’g iarraidh ormsa ’dhol a dh’ iarraidh dhut? Am bheil thu airidh air? Ciod a rinn thu a chum a leithid a dh’ fhabhar a chosnadh? Ciod a rinn thu air son an righ agus na rioghachd? Mur d’ rinn thu dad sam bith a chum am fabhar mor so a chosnadh, no mur ’eil thu air dhoigh eile airidh air, cia mar a bhios a dh’ aghaidh agamsa na theid ’g a iarraidh? Cia mar is urrainn mise mo bheul fhosgladh m’ a dheidhinn an lathair an righ? An uair a chithinn an righ agus an luchairt mhaiseach anns am bheil e ’na chomhnaidh, cha b’ urrainn mi mo bheul fhosgladh. Bhithinn air chrith ann an lathair d’ athar nach maireann an uair a rachainn a dh’ iarraidh fabhair air. “So agad aobhar eile, ’mhic, air nach do smaoinich thu, agus is e sin, nach ’eil neach sam bith a’ dol a dh’ iarraidh fabhair air an righ gun tiodhlac luachmhor a thoirt g’ a ionnsuidh; oir le tiodhlac a thoirt g’ a ionnsuidh tha dh’ aon toileachadh aca gu’m faigh iad eisdeachd gu foighidneach uaithe, co dhiubh ’gheibh no nach fhaigh iad am fabhar a tha iad ag iarraidh. Ach ciod an tiodhlac a’s urrainn dhutsa ’thoirt dha? Agus ged a bhiodh tiodhlac agad a bhiodh freagarrach gus a thairgse do ’n righ, nach bu shuarach e ann an coimeas ris an fhabhar a tha thu ’g iarraidh air? Air an aobhar sin, smaoinich gu curamach air na tha thu ’cur romhad a dheanamh, agus thoir fa near gu ’m bheil thu ’g iarraidh ni fhaotainn nach ’eil e ’n comas dhut fhaotainn gu brath.” Dh’ eisd Aladin gu socair, samhach ris na thuirt a mhathair fhad ’s a bha i feuchainn ris na beachdan amaideach a chur as a’ cheann aige Agus an deigh dha smaoineachadh gu dluth air a h-uile puing a thug i fa chomhair fhreagair e mar so: “Tha mi ’g aideachadh, a mhathair, gu ’m bheil e ’na ghnothach gle dhana dhomh a bhith ’feuchainn ri dhol cho fada so air aghart anns a’ chuis, agus bha e gle neo-smaoineachail dhomh iarraidh oirbhse le leithid de dhealas agus de bhraise a dhol a dh’ iarraidh nighean an righ dhomh ri ’posadh, gun a thoirt fa near an toiseach gu ’n robh e iomchuidh dhomh ulluchadh a dheanamh a chum gu ’n gabhteadh ribh gu fabharrach, agus air an aobhar sin, tha mi ’g iarraidh mathanais oirbh. Ach na cuireadh e ioghnadh oirbh ged a thug meud a’ ghaoil a th’ agam air nighean an righ orm dichuimhn a dheanamh air nithean a bha feumail dhomh a dheanamh, a chum gu ’m faighinn an sonas air am bheil mi cho mor ann an geall. Cha ’n urrainn duibh meud a’ ghaoil a th’ agam air nighean an righ a ghabhail a steach. Tha leithid de dhian-ghradh agam dhi ’s gu ’m bheil mi ’cur romham am muigh ’s am mach gu ’m pos mi i. Tha mi ’n ’ur comain-sa air son na smaointean a chuir sibh ’man cheann, agus tha mi ’g amharc air na thuirt sibh rium mar a’ cheud cheum a’s coir dhomh a ghabhail a chum an sonas sin fhaotainn a tha mi ’gealltainn dhomh fhin. “Tha sibhse ’g radh nach ’eil e na chleachdadh a bhith dol far am bheil an righ gun tiodhlac, agus nach ’eil dad agamsa a b’ fhiach do ’n righ a ghabhail uam. A thaobh na thuirt sibh mu dheidhinn an tiodhlaic, tha mi ’g aontachadh leibh, agus tha mi ’g aideachadh nach do smaoinich mi riamh air. Ach ged a tha sibhse ’g radh nach ’eil dad agamsa ’tha freagarrach air son a thairgse mar thiodhlac do ’n righ, nach ’eil cuimhn’ agaibh air an rud a thug mi dhachaidh an lath’ a fhuair mi mo bheatha leam a lamhan an draoidh? Bidh e ’na thiodhlac freagarrach gu leor gus a thairgse do ’n righ, ged a bha mise agus sibhse an toiseach an duil nach robh ann ach glaine air an robh caochladh dhathan. Ach a nis tha fhios agam gur e th’ ann seudan a tha anabarrach luachmhor, agus a tha freagarrach mar thiodhlac air righ sam bith. “Dh’ aithnich mise gu ’m bheil iad luachmhor o na bha mi faicinn anns gach buth sheudan do ’n robh mi dol gu tric; agus faodaidh sibh mo chreidsinn an uair a dh’ innseas mi dhuibh nach ’eil an leithidean eile ri fhaotainn anns a’ bhaile a thaobh meudachd, maise, agus luach. A dh’ aon fhacal, cha ’n ’eil fhios agaibhse no agamsa air cho fior luachmhor ’s a tha iad. Ach biodh sin mar a thogras e, tha fhios agamsa gu ’m bheil na seudan freagarrach gu leor air son an toirt mar thiodhlac do ’n righ, agus tha mi ’creidsinn gu ’n gabh e gu toileach iad. Tha mias mhor Shina agaibh gus an cur ann; thugaibh ugam i feuch am faic sinn cia mar a sheallas iad innte, an uair a chuireas sinn ann an ordugh iad a reir an dathan.” Thug a mhathair a mhias Shina g’ a ionnsuidh, agus an uair a thug e na seudan as na sporrain anns an robh iad an gleidheadh aige, chuir e anns a mheis iad. Bha leithid de shoills’ agus de lainnir asda ri solus an latha, agus a leithid de sheorsachan dath orra ’s gu ’m bu ghann a b’ urrainn Aladin agus a mhathair amharc orra; agus bha ioghnadh thar tomhais orra le cheile. Gus a sid cha do sheall iad orra ach ri solus a’ chruisgein. Oir ged a chunnaic Aladin iad a crochadh air na craobhan mar gu ’m biodh measan, agus iad maiseach ri ’m faicinn, gidheadh cha robh e ach ’na bhalach og aig an am, agus cha robh e ’tuigsinn gu ’n robh iad luachmhor. An deigh dhaibh a bhith greis ag amharc air na ceudan le tlachd thuirt Aladin ri ’mhathair “Cha ’n ’eil leithsgeul sam bith agaibh a nis gun dol far am bheil an righ, oir tha tiodhlac agaibh ris an gabh e, agus eisdidh e ribh gu toileach.” Ged a bha na seudan ro mhaiseach, cha do chreid a mhathair gu’n robh iad a leith cho luachmhor ’s a bha Aladin ag radh. Ach air a shon sin, smaoinich i gu ’n cordadh iad ris an righ, agus mar sin cha robh i comasach air Aladin a dhiultadh; ach bha i ’n comhnuidh a’ smaointean air an iarrtus a bh’ aice ri chur mu choinneamh an righ. “A mhic,” ars’ ise, “cha ’n urrainn mi ’ghabhail a steach gu ’n dean do thiodhlac feum sam bith, agus gu’n amhairc an righ orm le fabhar. Agus tha mi cinnteach, ma dh’ fheuchas mi ri ceann mo thuruis a leigeadh ris dha, nach bi mi comasach air mo bheul fhosgladh. Agus air an aobhar sin, cha ’n e mhain gu ’n caill mi mo shaothair, ach caillidh mi an tiodhlac mar an ceudna; agus tha thusa ’g radh gu ’m bheil e anabarrach luachmhor. Tillidh mi dhachaidh agus naire gu leoir orm, a dh’ innseadh dhutsa nach fhaigh thu an rud ris am bheil dochas agad. Dh’ innis mi dhut mar a thachras, agus bu choir dhut mo chreidsinn. Ach ni mi na’s urrainn mi gus do thoileachadh; agus b’ fhearr leam gu ’m b’ urrainn mi d’ iarrtus a chur cho ordail fa chomhair an righ ’s bu mhiann leat. Ach cinnteach gu leoir ni e gaire ’fanaid orm, ar neo cuiridh e air falbh mi mar chreutair gun chiall, no is docha gu’n gabh e corruich, agus gu ’n dean e dioghaltas oirnn le cheile.” Labhair i moran a thuilleadh air a’ so ris, an duil gu’n tugadh i air inntinn atharrachach. Ach ghabh e leithid de ghaol air nighean an righ ’s nach cumadh rud sam bith air ais e o’n a runaich e ’dheanamh. Bha Aladin a’ sior iarraidh air a mhathair a dhol far an robh an righ, agus mu dheireadh, air eagal gu ’m faodadh e gnothach bu mhi-iomchuidhe dheanamh, dh’ aontaich i gu ’n gabhadh i a chomhairle. O ’n a bha ’n t-amamoch air tighinn, agus a bha ’n t-àm dhe ’n latha anns an robh e ceadaichte do dhaoine a dhol far an robh an righ air a dhol seachad, chuir iad dail anns a’ ghnothach gus an ath latha. Bha Aladin agus a mhathair a’ comhradh mu dheidhinn caochladh nithean fad an fheasgair. Rinn Aladin na b’ urrainn e a chum misneach a thoirt dh’ a mhathair mu ’n ghnothach a bh’ aice ri dheanamh ris an righ. Ach a dh’ aindeoin na thug e de mhisnich dhi, cha b’ urrainn dhi a thoirt oirre fhein a chreidsinn gu ’n rachadh an gnothach leatha. Agus feumar aideachadh gu ’n robh aobhar gu leor aice air son teagamh a chur ann. “A mhic,” ars’ ise, “ma ghabhas, an righ riumsa cho fabharrach ’s is miann leam air do sgath-sa, agus gu ’n eisd e rium gu foighidneach an uair a dh’ iarras mi am fabhar, agus na dheigh sin ma dh’ fheoraicheas e mu do shuidheachadh (oir is e sin a’s doch’ e fheoraich na mu dheidhinn [TD 35] [Vol. 11. No. 5. p. 3] do phearsa)—ma chuireas e, tha mi ’g radh, a’ cheisd so orm, ciod an fhreagairt bu mhiann leat mi thoirt air?” “Na biomaid a cur dragh sam bith oirnn fhin, a mhathair, mu dheidhinn rud, ma dh’ fhaoidteadh nach tachar gu brath. An toiseach, faiceamaid cia mar a ghabhas an righ ribh, agus ciod an fhreagairt a gheibh sibh uaithe. Ma thachras gu’n cuir e a’ cheist sin a dh’ ainmich sibh oirbh, tha freagairt agamsa do ’n cheisd, agus tha mi lan-chinnteach gu ’n dean an cruisgean a bha cho feumail dhuinn o chionn uine mhath feum gu leor dhuinn ’na dheigh so.” (Ri leantuinn.) NATHAIR MHOR NA H-ASIA. LE LACHUINN MAC GILLEAIN, LACHUINN NA GAILIG. IS math mo chuimhne ’nuair bha mi ’m bhalach beag nach robh ann ni bu mhò bheireadh de thoilinntinn domh na naigheachdan a chluinntinn mu dhùthchaibh céin. ’S lionmhor latha ’shuidh mi le Domhull-saighdear air sgàth cnoic, air chùl gaoithe ’s air aodann gréine ag éisdeachd ri eachdraidh Blar-na-h-Eiphit; ris gach cruadal agus cunnart troimh ’n d’ thainig e féin—mu na dùthchanna troimh ’n do shiubhail e—mar chuir e ’n t-sròn bhàrr bean Lot le èarr a ghunna—mu ’n ghàrradh-chàil a bha ’n crannaig na luinge, ’san leithide sin; agus bho na chunnaic mi féin uaithe sin beagan do’n t-saoghal, cuiream ugaibh sgeula mu ni a thachair ann an Eilean Ceylon, no mar their na nàstin’ ris, Cingala, ann an Asia. Cha ’n eil air uachdar an t-saoghail aite eile anns a’ bheil nathraichean cho mor ri nathraichean an Eilein so—tha cuid dlù do chiad troidh air fad agus cho dòmhail ri duine calma! Se’n seorsa ’s mò dhiu gu léir, agus is milltiche, an seòrsa ris an abair iad Anaconda, ainm a tha tighinn o’n Ghailig Anacumanta. Cha ’n ’eil iad ach ainneamh, agus is math do ’n dùthaich nach ’eil. Bha nis bho cheann còrr a’s fichead bliadhna ann am baile Cholumbo ’san eilean so, fear Maighstir Seward, Sasunnach a rinn mòran beairteis. ’Nuair chunnaic e gu ’n robh gu leòir aige, agus r’a sheachnadh, cheannaich e staid air an dùthaich dlù do’n t-sàile agus air an staid so thog e tigh-samhraidh beag bòidheach far am bu ghna leis dol ’na aonar, a leughadh, ’sa sgriobhadh. Bha ’n tigh-samhraidh so mar leth mhile d’a thigh còmhnuidh, air mullach aonaich, far am faiceadh e gu beag ni an t-eilean gu léir mu ’n cuairt agus an cuan mór le ’luingeas air gach taobh. A thuilleadh air so bha’n tigh-samhraidh air a chuartachadh le craobhan pailm ag éiridh gu h-ùrar, dosrach uaine cho direach ri slat gunna, g’a dhion o theas anacuibheasach na dùcha sin. Thachair do Mhr Seward a bhi air an dùthaich ’nuair a chaidh sean charaid dha fein Mr Iomhar, g’a amharc. Bha Mr Iomhar a coiseachd fad na h-òi’che chum teas an là sheachnadh, agus ràinig e’n tigh còmhnuidh dìreach ann am fàireadh na maidne. Choinnich gille dileas Mhr Seward, Zadi, fear do naistinnean an eilein, e aig an dorus, agus thubhairt e gu fac’ e mhaighstir, Seward, a’ direadh ris an uchdaich, mar gum biodh e ’dol d’ a thigh-samhraidh a dh’ fhaicinn na greine ag éiridh. Nuair chunnaic bean an taighe Iomhar rinn i ’bheatha, agus a mach a ghabh i féin agus esan gu Seward fhaotainn anns an tigh-shamhraidh agus ioghnadh a chur air. Bha ’n gille, Zadi, leò a’ giùlan bascaid de dhearcan, ’s de nitheana eile a ghabhadh iad san tigh-shamhraidh. Nuair a tharruing iad dlù mhothuich Iomhar gu’n robh cairbh a thaobh-aiginn air aon de na craobhan a b’ àbhaist a bhi cho mìn agus cho réidh, agus dh’ feóraich e de Zadi ciod bu chiall da. Cha luaithe dh’ amhairc Zadi na thuit a’ bhascaid as a’ làimh: dh’ fhàs e co bàn ris an anart, agus cha b’ urrainn e ràdh ach “Anaconda! Anaconda! Tha sinn caillte!” Cha do thuig Iomhar, no Baintighearna Seward ciod bu chiall da so, agus ghabh iad air an aghaidh. Thainig Zadi nis uige féin—ruith e romhpa—thuit e air a ghlùinean agus ghlaodh e, “Pillibh! Pillibh! Ma theid sibh aon cheum ni ’s faide ’s bàs duibh e! seall mar tha ’bhéist ’ga lùbadh, ’s ga tionndadh féin a’ measg nan craobh. O! mo mhaighstir! mo mhaighstir! tha thu caillte! cha ’n ’eil air an t-saoghal na theasairgeas e!” ’Nuair chual a’ Bhaintighearna so thuit i ann an nial far an robh i: an ceann beagain thainig i uice fein, agus ghlaodh i, “O! sàbhalaibh m’ fhear! Na tréigibh e! ar neo theid mise agus fuilingidh mi ’m bàs leis!” “Tha e beo! tha e beò fathast! taing do na Dùilean!” arsa Zadi a mhothuich ’s an àm so braoisg a’ tighin air dorus an tigh-shamhraidh far an robh Seward ’s a’ bheisd a’ deanamh faire air an taobh am muigh. Chuir Iomhar agus Zadi romhpa nis gu mentricheadh iad am beatha gu Seward a shàbhaladh—dh’ ialaidh iad air am màgan feadh nam preas gus an d’ thainig iad gu math dlù. ’S ann a nis a fhuair iad an sealladh uamharra, agus mòralach air a’ bhéist! chuireadh i aon uair car d’a h-earr mu’n ghéig a b’ àirde de’n chraoibh, ’s a’ chuid eile a null ’s a nall mar dhreallaig a’ ruigheachd, gu beagan, an làir: uair eile shuaineadh si i féin mu’n chraoibh ’na ciadan cuibhle a’ sineadh o ’bun gu bàrr, agus an treas uair shuidheadh i air cuibheal d’ a h-earr ’s a’ chuid eile suas mar chraoibh ’s bogha oirre a’ farclais aig dorus an tighe-shamhraidh far an robh Seward air e fein a ghlasadh a stigh. A thiota thug a’ bheist a nis dui-leum, ’s rinn i cearcall dhi féin mu’n cuairt de’n bhothan gus cur as do’n fhear a bha stigh le h-anail bhreun mhìlltich. Chuir Iomhar a nis a ghunna r’ a shùil, ’s loisg e oirre. Bhuail am peileir i anns a’ cheann mhallaichte ach cha d’ rinn e sgath air—bha sligean a cinn ’s a droma cho cruaidh ’s cho dionach ri lùirich stàilinn. Leum i suas a rideis a’ measg nan craobh mar nach tachradh ni. Chunnaic sinn a nis braoisg a’ tighinn air an dorus a ris, agus a mach leum cù Mhr. Seward, agus litir an crochadh r’ a amhaich. Ruith a miol-chu breagha, foghainteach sios am bruthach cho luath ri fiadh, mar gum biodh mothuchadh aige air a chunnart, ach bu shuarach a’ luathas an coimeas ri luathas na béiste! As a dhéigh thug i ’na cuibhlean agus ann an da mhionaid bha na cìlean mallaichte mu’n cuairt air. Thainig a nis an oidhche, agus smaoinich Iomhar agus Zadi gun cruinnicheadh iad buidheann mhòr agus gu’n rachadh iad le leusan teine feuch an teicheadh a’ bhéist; rinn iad mar rùnaich iad—ràinig iad, agus thog iad le aon ghuth iolach àrd, san àm cheudna a’ cur nan leusa teine mu’n cuairt air an cinn. Thug a’ bheist hiss uamhasach; chiteadh a’ sùilean mar lasraichean teine troimh dhuibhre na h-oidhche. Chaill gach aon a mhisneach ’s a chlì, ’s bu bhuidhe leò an casan a thoirt as. Air an la-iar-na-mhàireach, mu chamhanaich an latha, ruith Zadi do sheòmar Iomhair a’ glaodhaich, “Tha e beò! tha e beò! chunnaic mi e ’cur a mach crioman pàipeir air an dorus. Theid mi ’s chi mi ciod a sgriobh mo mhaighstir caomh air a’ phàipeir ud arneo bàsaichidh mi anns an oidheirp.” Dh’ fhalbh Zadi dileas ’s rinn e suas còmhdach de gheugan uaine nan craobh fo ’n làn duilleach, cho ealanta ’s nach aithnicheadh duine e seach preas eile. “Bha mi suas ris an obair so o m’ òige,” ars’ esan. Dh’ ialaidh e leis an eallaich choille so, ’s a sgian-dubh dhìleas air a leis—an ceann uair an uaireadair chunnacas e aig dorus an tigh shamhraidh ’s a’ bhéist a’ cur nam both dhi a’ measg nan craobh dlù dha—fhuair e ’m pàipeir—thoisich an preas beò ri téarnadh, agus bha e dlù do bhun a’ bhruthaich nuair chunnacas an nathair cho luath ri dealan na h-oidhche as a dhéigh! A thiota bha i na cuartan mu thimchioll, na geugan agus gu leir! Dh’ aithnich Zadi bochd mar bha, ach cha do chaill e ’mhisneach; tharruinn e ’n sgian-dubh agus lot e ’bheist eadar na sligean, anns an amhaich: leis a so rinn i cuibheal d’ a h-éarr mu’n cuairt da, agus thilg i e féin ’s na bha uime an àird’ an adhair, agus thug i oirre na craobhan, a réir a’ choltais, cho slàn ’s a bha i riamh. Chaidh Iomhar agus càch a mach ’s fhuair iad Zadi leth-mharbh; cha robh aisne ’na thaobh nach robh briste. An ceann tacain fhuair e cainnt—shìn e mach a làmh anns an robh an litir—“So dhuibh i,” ars’ esan “chum mi greim oirre eadhon an glaic na béiste. Innsibh dhomh ciod tha mo mhaighstir ag rádh mun tilg mi’n deó.” Leugh Iomhar an litir, a ruith mar so, “Tha mi ’gar tuigsinn a chàirdean, tha mi faicinn gu bheil sibh a’ deanamh na ’s urrainn duibh: ach cha ’n eil dòchas ann: tha anail na béiste air mo mharbhadh. Beannachd Dhia leibh! Beannachd le gréin ’s le gealaich! beannachd leis an t-saoghal uile! Ach oh! mo bhean! mo bhean chaomh!” Lion an litir so iad uile le mire-chatha. Thuirt gach fear ’s a làmh air a chlaidheamh, “Fuasglaidh sinn Seward no fuilingidh sinn leis!” Thuirt Zadi, le guth briste, ’s e ’na shineadh air leabaidh, nuair chual e so, “Tha innleachd eile ann.” “Innleachd,” arsa chuile fear, “ciod i?” “Am buar, am buar,” arsa Zadi. “Am buar! ciod e mu’n bhuar?” ars’ iadsan. “Am buar,” arsa Zadi, a chuile h-aon de’n bhuar; ach mo chreach cò ghabhas os làimh!” Dh’ innis e dhoibh a nis nan cuireadh iad aon de ’n bhuar an rathad na béiste ’nuair a shluigeadh i an t-ainmhidh gu feudadh leanabh beag a marbhadh, ’nuair a bhiodh a stamag làn nach b’ urrainn di gluasad. Dh’ fhalbh iad a nis gu coimhearsnach, ’s thug iad dha mòran airgid arson seachd no ochd de mhairt a shaodachadh rathad an tigh-shàmhraidh. ’Nuair dhlùthaich iad air a’ bhothan sgar an tarbh o chàch, mar gum biodh e dol g’a thachas féin ris na craobhan mòra, no chum an reubadh le ’adhaircibh. Chunnaic iad a nis a’ bhéist a’ dol as an t-sealladh am bàrr nan craobh, ach mun abradh tu ’h-aon bha i na cùibhlean mu’n cuairt an tairbh, agus na fiaclan crosta a’ sàs na dhubhliath! ’S ann a’ sin a bha’n ùpraid; an t-ainmhidh làidir calma a’ raoicil, ’s a’ spàirn, ’s a’ cur cobhair as a bheul, a’ tarruing na nathrach sios am bruthach: mhair an strì uamhraidh so fad ceithreamh na h-uaire: bha’n talamh air a thionndadh mar gum biodh e air a ruamhar ’s ghlac gairisinn gach neach a chunnaic an sealladh. Mu dheireadh fhuair a’ bhéist dlù do chraoibh mhòir—chuir i car d’ a h-earr mu’n cuairt de’n chraoibh agus theannaich si i féin cho teann mu’n cuairt de’n tarbh ’s gu’n cuala na daoine leth-mhile air falbh bruanaich nan cnàmh. “Cia mar a dh’ icheas i e ’nis?” arsa cuid. Cha robh so fada ’na ceist. Thug a’ bheist a’ chlosach a nis gu bun na craoibhe—shuain si i fein ’na ceithir chuibhlean mu’n cuairt de’n chraoibh agus de’n chlosaich, a’ teannachadh ’s a’ teannachadh gus mu dheireadh an robh gach cnàimh anns a’ chlosaich cho min ri flùr. Thoisich i ’n sin agus lion si e le ronnan bho (Air a leantuinn air taobh 38.) [TD 36] [Vol. 11. No. 5. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, SEPTEMBER 5, 1902. Na h-Innsean an Iar. BUINIDH àireamh mhath de dh’ eileanan nan Innsean an Iar do Bhreatuinn. Tha àireamh mhath de dhaoine geala a còmhnuidh annta, agus àireamh moran a’s motha de dhaoine dubha. Is i ’n aon obair leis am bheil iad uile deanamh an beòlainte deanamh an t-siùcair. B’ àbhaist margadh math a bhi aca do’n cuid siùcair ann am Breatuinn, agus anns na làithean sin, bha iad sona, soirbheachail. Ach o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, tha an Fhraing ’s a’ Ghearmailt a’ deanamh moran siùcair, agus ga chur air margaidhean Bhreatuinn cho saor ’s nach urrainn muinntir nan Innsean an Iar an cuid siùcair a chreic le probhaid sam bith. Tha so ag aobharachadh moran mi-thoileachaidh anns na h-eileanan; bha iad o àm gu àm ag iarraidh air an Riaghladh Bhreatunnach cuideachadh a dheanamh leotha, ach gu ruige so cha d’ fhuair iad cuideachadh a dh’ fhoghainn. Tha so a’ toirt orra bhi bruidhinn air falbh bho chrùn Bhreatuinn agus aonadh ris na Staidean. Ach an sin tha iad air an roinn an aghaidh a cheile, dubh is geal. Tha na daoine geala, a reir an t-seanachais, deònach gu leòr dol a staigh ris na Staidean. Tha iad a’ faicinn an t-soirbheachaidh ’s an fhàis a thainig air Puerto Rico ri linn dha bhi air a thoirt fo ’n bhrataich reultaich, agus tha iad am barail gu ’n tigeadh an soirbheachadh ’s am fàs ceudna air an eileanan fein na ’n rachadh iad a staigh. Tha iad cuideachd a call an dòchais gu’n dean Breatunn leasachadh sam bith air an staid; oir ged is iomadh deagh bhuaidh a tha air an dùthaich mhàthaireil, bha i riamh ainmeil air son cho mall ’s a ghluaiseadh i ann an cùis dhe ’n t-seòrsa so, agus tha na h-Innsean an Iar na duthaich cho òg ’s nach d’ ionnsaich an luchd-àiteachaidh fhathast an leasan a tha air a theagasg ’san t-seanfhacal: “Gu ’m faigh foighidinn furtachd.” Is e so suidheachadh inntinn nan daoine geala. Tha na daoine dubha, air an laimh eile gle choma dhe na Staidean. Tha iad a’ cluinntinn mar thatar a buntainn ris na daoine dubha anns na Staidean a deas, ga ’n crochadh ’s ga ’n losgadh gun chùirt, gun lagh, agus tha eagal orra nach biodh am beatha ’s an coirichean fein cho tearuinte fo ’n bhrataich reultaich ’s a bhiodh iad fo ’n bhrataich chroiseagaich. Bhiodh iadsan air an aobhar sin gu h-aontachail an aghaidh dol fo riaghladh nan Staidean. Tha buidheann eile anns na h-eileanan a tha gabhail a stigh moran de ’n da bhuidhinn a dh’ainmicheadh, ’sa tha dhe’n bharail gum b’e ’n seòl a b’fhearr dhaibh dol a stigh ri Canada. Le margadh Chanada, a bhiodh mar sin air fhosgladh dhaibh, thigeadh fàs is soirbheachadh orra nach biodh fad air deireadh air na b’urrainn na Staidean a bhuileachadh orra, agus ghleidheadh iad aig a’ cheart àm gach reachd a fhuair iad o Bhreatuinn leis am biodh beatha ’s cuid an duine dhuibh air a dhion ’s air a choimhead a cheart cho cùramach agus cho cinnteach ri beatha ’s cuid an duine ghil. Na “Cigarettes” THA naigheachd air tighinn as na Staidean air balach òg, aois aona bliadhna deug, a chaidh as a rian agus a fhuair bàs troimh bhi ’smocadh cigarettes. Tha smocadh nan rudan so air fàs gle chumanta o chionn beagan bhliadhnaichean, agus tha e na ’cleachdadh a tha fior chronail dhaibhsan a tha ris. Tha e na ’s furasd’ ionnsachadh na smocadh tombaca air dhòigh eile, agus mar sin tha moran bhalach a’ gabhail ga ’ionnsuidh nach meintricheadh ris a phiob. Ach aon uair ’s gu ’m faigh an cleachdadh so greim air duine no air balach, tha e anabarrach duilich a leigeil seachad, agus is neach fior ainneamh do nach dean e cron—a’ lagachadh na h-inntinn, ’s ga ’fhàgail gun mhoran feuma air son obair sam bith. Nuair bha na Staidean a’ togail airm gu dhol a chogadh ris an Spàinn bha cùnntas mhiltean de dh’ òganaich a bha deònach dol do’n t-saighdearachd air an diùltadh a chionn gu’n robh buadhan an cuirp ’s an inntinn air am meatachadh ’s air an crionadh le smocadh nan cigarettes. Ann an Washington, ceanna-bhaile na dùthcha sin, cha ghabhar anns an tigh ’sam bheil cùisean an riaghlaidh air an cur air adhart—far am bheil na ceudan ag obair—cléireach no fear frithealaidh a tha ris a’ chleachdadh; agus ann am moran de na taighean-ceannachd a’s motha, cha’n fhaigh fear a bhios ris na cigarettes àite na ’s mò na gheibh fear a bhios ris an òl. Mar is luaithe theid an cleachdadh cronail so á fasan, mata, ’s ann a’s fhearr, agus ni gach neach aig am bheil math a dhùthcha ’s math muinntir a dhùthcha na bheachd ’uile dhichioll le ’chomhairle ’s le ’eisimpleir air a chur as. Tha dhith oirnn anns an dùthaich so daoine foghainteach, duineil, a bhios slàn na ’n corp ’s na ’n inntinn agus is mithich dhuinn gach cleachdadh a tha ’g obair an aghaidh sin a chur uainn cho luath ’s a ghabhas deanamh. Crunadh an Righ Eideard agus na Banrigh Alexandra. Ordugh na seirbhis Ghàilig fo riaghladh an Ard Chléireach Urr. S. Curdie Russell, D. D., Ceann-suidhe Eaglais na h-Alba, air a chuideachadh leis an Urr. Alastair Connell, M. A., B. D., Ministeir na h-Eaglais Chléireach Shasunnach, an Regent Square, anns an Eaglais Albannach, Crown Court, Covent Garden, Lunnuinn. Bha an 100mh Salm air a seinn:— O molaibh Dia le aoibhneas mòr, Gach sluagh tha chòmhnuidh feadh an t-saogh’il; Thigibh le seirbhis ait ’na chòir, An làth’ir a ghlòir a’ seirm a ghaoil. An Tighearn is e Dia gu fìor; ’Se ’n Tì a chruthaich sinn ’na ghràdh; Tha sinn ’nar n-oighreachd dha gu sìor, A chaoraich ni e dhìon gach tràth. Rachaibh a steach ’na dhorsa grinn Le buidheachas a’ seinn a chliù; A steach ’na chùirt le òran binn Ainm molar leinn le ceòl nach mùth. Ar Tighearn Dia! Tha math ’na dhàil; Tha thròcair sìor ’na sgàil nach claoidh; Tha fhìrinn seasmhach do gach àl; Is buadhach anns gach àit a chaoidh. Rinn an t-Ard Chléireach Urr. an Ceann-Suidhe ùrnuigh. Leugh an t-Urr. Mr. Connell:— I Righ iii. ear. 4-15. Agus chaidh an rìgh do Ghibeon a dh’ ìobradh an sin, oir b’e sin am mor àit àrd: mìle ìobairt-loisgte thug Solamh suas air an altair sin. Ann an Gibeon thaisbein an Tighearn e féin do Sholamh ann an aisling na h-oidhche; agus thubhairt Dia, Iarr ciod a’s àill leat mi ’thabhairt duit. Agus thubhairt Solamh, Nochd thu do d’ òglach Daibhidh m’athair caoimhneas mòr, a réir mar a dh’ imich e a’d’ fhianuis ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghléidh thu dha an caoimhneas mòr so, gu’n d’thug thu dha mac a shuidhe air a rìgh-chaithir, mar a tha e ’n diugh. Agus a nis a Thighearna mo Dhia, rinn thu d’òglach ’na rìgh an àite Dhaibhidh m’athar; agus mise a’m’ leanabh beag, do nach aithne dol a mach no teachd a steach. Agus tha d’ òglach am meadhon do shluaigh a thagh thu, sluagh lìonmhor, nach ’eil e ’n comas àireamh no mheas aig an lionmhoireachd. Thoir uime sin do d’òglach cridhe tuigseach a thoirt breth air do shluagh, gu dealachadh ’chur eadar am maith agus an t-olc; oir cò a’s urrainn breth a thabhairt air do shluagh so a tha co mhòr? Agus bha e ’n a ni taitneach leis an Tighearn, gu’n d’iarr Solamh an ni so. Agus thubhairt Dia ris, A chionn gu’n d’iarr thu an ni so, agus nach d’iarr thu dhuit féin saoghal fada, agus nach d’iarr thu dhuit féin saoibhreas, agus nach d’iarr thu anam do naimhdean, ach gu’n d’iarr thu dhuit féin tuigse a dheanamh breitheanais: Feuch, rinn mise a réir do bhriathar: feuch, thug mi dhuit cridhe glic agus tuigseach, air chor as nach robh neach air bith romhad cosmhuil riut, agus nach mò a dh’ éireas a’d’ dhéigh neach air bith cosmhuil riut. Agus mar an ceudna thug mi dhuit an ni nach d’ iarr thu, araon saoibhreas agus cliù, air chor as nach bi duine cosmhuil riut am measg nan rìgh ré do làithean uile. Agus ma dh’imicheas tu ann mo shlighibh-sa, a ghleidheadh mo reachdan, agus m’àitheantan, mar a dh’ imich Daibhidh d’athair, an sin ni mi do làithean fada. Agus mhosgail Solamh, agus, feuch, b’aisling a bh’ ann: agus thàinig e gu h-Ierusalem, agus sheas e ’am fianuis àirc coimhcheangail an Tighearna, agus thug e suas ìobairtean-loisgte, agus dh’ìobair e ìobairtean-sìth, agus rinn e cuirm d’a sheirbhisich uile. Bha an 85mh Salm air a seinn:— Bha thusa gràsmhor fabharach, a Dhé, do dh’ dhùthaich féin; Bruid Iacoib thug thu air a h-ais a ris le d’ ghairdean treun. Cionta do phobuill mhaith thu féin; dh’ fholuich thu ’n uile lochd. Choisg thu do chorruich uile ’s phill o’n lasan a bha ort. Pill sinn a rìs, a Dhia ar slaint’, is tog do lasan dhinn. Am bi do chorruich ruinn gu brath? ’s an sinear d’ fhearg gach linn? Leugh an t-Ard Chléireach Urr. an Ceann-Suidhe:— I Pheadair ii. ear. 9-17. Ach is ginealach taghta sibhse, sagartachd rioghail, cinneach naomh, sluagh sonraichte; chum gu ’n cuireadh sibh ’an céill feartan an ti a ghairm a dorchadas sibh chum a sholuis iongantaich féin: Nach robh uair-éigin ’n ’ur sluagh, ach a nis is sibh sluagh Dhé: dream nach d’ fhuair trocair, ach a nis a tha air faotainn trocair. A mhuinntir mo ghraidh, guidheam oirbh, mar choigrich agus luchd-cuairt, sibh a sheachnadh ana-miannan feolmhor, a tha ’cogadh an aghaidh an anama; Air dhuibh deadh chaithe-beatha ’bhi agaibh am measg nan Cinneach; chum ’an ait olc a labhairt umaibh mar luchd mi-ghniomh, gu’n dean iad o bhur deadh oibribh a chi iad, Dia a ghlorachadh ann an la an fhiosrachaidh. Uime sin bithibh-se umhal do gach uile riaghailt dhaoine air son an Tighearna: ma ’s ann do ’n righ, mar an ti a’s airde inbhe; [TD 37] [Vol. 11. No. 5. p. 5] No do uachdranaibh, mar do’n mhuinntir a chuireadh uaith chum dioghaltais air luchd-deanamh an uilc, ach chum cliù dhoibh-san a ni maith. Oir is i toil Dhé gu’n cuireadh sibhse le deadh dheanadas tosd air aineolas dhaoine amaideach: Mar dhaoine saor, agus gun bhur saorsa a ghnathachadh mar bhrat-folaich do’n olc, ach mar sheirbhisich Dhé. Thugaibh urram do na h-uile dhaoine. Gràdhaichibh na braithrean. Bitheadh eagal Dhé oirbh. Thugaibh urram do’n righ. Bha an 72mh Salm air a seinn:— Ear. 1-4. Dhia, thoir do bhreitheanas do’n righ, is d’fhireantachd d’a mhac. Bheir esan ceart bhreth air do shluagh, ’s do d’bhochdaibh còir ’nan airc. Na sléibhtean arda bheir a mach siochaint do’n t-sluagh gu pailt; Is bheir na tullaich bheaga sith le fireantachd gun airc. Air daoinibh bochd a’ phobuill fòs, bheir esan breth gu ceart; Is clann nan ainnis saoraidh e, min-bhrisidh luchd ainneart. Rinn an t-Ard Chléireach Urr. an Ceann-Suidhe searmoin o’n earann:— Mata xxviii. 18. Agus thainig Iosa, agus labhair e riu, ag radh, Thugadh dhomh-sa gach uile chumhachd air neamh agus air talamh. Rinn an t-Urr. Mr. Connell ùrnuigh. Bha an 145mh Salm air a seinn:— Ear. 8-11. Tha ’n Tighearna ro ghrasmhor caoin is lan do thruacantachd; A ta e mall chum feirg’, is fòs pailt ann an trocaireachd. Is maith IEHOBHAH do gach dùil; tha throcair caomh gu beachd Os ceann gach obair agus gniomh a rinneadh leis le neart. Dhia, molaidh t’oibre thu air fad; le d’ naomhaibh molar thu: Air gloir do rioghachd labhraidh iad, innsidh do neart le cliù. Labhair an t-Ard Chléireach Urr. an Ceann-Suidhe a’ bheannachd. Sheinn an Coithional an sin:— DHIA GLEIDH AN RIGH. Dhia, gléidh an Rìgh le d’ ghràs, An rìgheachd as gach càs: Dhia, gléidh an Rìgh! Biodh e a ghnàth fo d’ làimh Le buaidh os ceann gach nàimh, ’N ad ghràdhsa faotainn sàimh, Dhia, gléidh an Rìgh! Air-san ’nad mhaitheas mòr Taom pailteas as gach stòr Fo shròl na sìth; Dìonadh ar laghan dhuinn; ’S togar leinn iolach binn, Le crì is guth a’ seinn, Dhia, gléidh an Rìgh! SGIORRADH BASMHOR EILE—Bha fear Seumas Wilson air a ghrad mharbhadh aig cala an rathaid iaruinn ’sa bhaile so oidhche Di-màirt. Bha e ’g obair còmhla ri triùir no ceithrir eile a’ gluasad chàraichean an deigh dorchadh na h-oidhche. Bha esan a’ cupladh nan càraichean ’s ga ’m fuasgladh o cheile a reir mar bha ri dheanamh, agus turus dhe na tursan, thuislich e, agus chaidh an inneal agus aon chàr thairis air, ga ghearradh na dha leth agus ga ghrad-mharbhadh. Cha robh fìos aig càch gu’n do thachair sgiorradh sam bith gus an dug iad fa-near nach robh esan a’ frithealadh d’ a obair, agus air dhaibh dol ga ’iarraidh fhuair iad a chorp reubte air an rathad. Bha e air an rathad mar bhrakesman o chionn da bhliadhna. Bha a dhachaidh ann an St. John, N. B. Cha robh ann ach duin’ òg, coig bliadhna fichead a dh’ aois. FIR NA SEILG—Tha iad so lìonmhor feadh na h-Alba an diugh; agus tha marbhadh mòr air a dheanamh air eòin, féidh is éisg. ’S ann gu làmh an duine mhòir agus an fhir bheairtich a thig a’ chuid is fhearr diubh so uile. Shaoileadh neach gu’n do dhìch’nich an Cruitheir am bochd ’nar tìr ’nuair a chithear eunlaidh shaor nan speur, spréidh na machrach, is éisg na mara air an toirmeasg dha le laghan mi-dhiadhaidh a tha glasadh toraidhean sònruichte nàduir o làmh a’ mhòr shluaigh a tha gu tric fuar is acrach a chionn gu ’m bheil iad ás eugmhais biadh anns am bheil brìgh is neart. Rinneadh na laghan so leis na fir chumhachdach a tha ’s a’ Phàrlamaid ’nam fàbhar féin. Ach ’s ann aig na daoine féin a tha a’ choire. C’arson a tha iad a’ cur do’n Phàrlamaid fir a bhios a snìomh a mach laghan cho ain-diadhaidh? Thig an là anns an tig briseadh air a’ chuing so; ach theagamh gu ’m bheil an là so fad ás ma bhuanaicheas an sluagh iad féin anns a’ chadal ’s anns a mhi-chùram a sgaoil an sgiathan mar dhroch ainglean thairis air coguisean dhaoine. Tha an t-àm aca a bhi dùsgadh; agus a bhi cuimhneachadh nach ’eil sluagh ’sam bith saor a cheadaicheas do luchd-aineart agus do choigrich a bhi deanamh laghan dhoibh. Bidh Gàidheil a’ seinn nach fhaigh a’ Ghàilig bàs; ach gu dé is fhiach a’ Ghàilig ma tha an seann spiorad air bàsachadh cheana ann an anman nan daoine a tha beò an diugh.—Oban Times. BUANAICHEAN DO ’N IAR THUATH—Tha àireamh mhor dhaoine air a dhol a mach do’n Iar Thuath air an fhoghar so a dh’ ionnsaidh na buana. Agus tha sinn air ar mealladh mur bi moran dhiù cho mi-thoilichte le ’n turus ’s a bha moran dhiùsan a chaidh ann bliadhnaichean roimhe. Tha e ceart gu leòr do chuideachd an rathaid-iaruinn ’s do thuathanaich an Iar Thuath a bhi toigheach air pailteas luchd-cuideachaidh fhaotainn air-son na buana, ach tha eagal oirnn gu bheil iad a’ cleachdadh innleachdan air-son am faotainn nach eil buileach cho dìreach ’s bu chòir dhaibh a bhi cleachdadh. Anns a’ cheud àite bidh o àm gu àm re an t-samhraidh fiosan air an cur do na roinnean an ear ag innse cho anabarrach trom ’s a tha ’m bàrr gu bhith, agus cho doirbh ’s a tha e gu bhi do na tuathanaich a bhuain. An deigh sin thig iomradh air tuarasdail mhora tha gu bhi air am pàigheadh do bhuanaichean, agus tairgidh cuideachd an rathaid-iaruinn faraidhean saora dhaibhsan a tha deònach a dhol a mach. Ach an deigh so uile, nuair a bhios a mhor chuid dhiubhsan a tha dol a mach a cheana air an t-slighe, thig sgeul eile, gu’n do dh’ aontaich na tuathanaich eatorra fein nach pàigheadh iad thar da fhichead dolair ’sa mhios. Faodaidh e bhith gu bheil so gle phrobhaideach do mhuinntir an Iar Thuath, ach cha’n eil e uile gu leir a reir nan àithntean. A’ BHREAC A RITHIST—Chaochail fear Dominick Destremel ann am Port Hawkesbury o chionn ghoirid leis a’ bhric. Bha e air a chur air tir an sin bhar bòrd soithich a thaghail an caochladh àiteachan mu chladaichean Cheap Breatuinn is Nobha Scotia. Tha fear Gilleasbuig Domhnullach, a mhuinntir Phictou, air an t-seachduin so na laidhe tinn leis a’ bhric ann an Sidni. Chaidh fhaotainn a mach an deagh àm ’s gabhail aige, agus mar sin cha’n eil cunnart sam bith gu’n sgaoil an euslaint. Tha gach aon a bha ’san taigh-òsda ’san robh e ’fuireach air an cumail air leth gus am bithear cinnteach nach eil a bhreac aca. Tha e coltach gu ’m b’ ann am Port Hawkesbury a fhuair an Domhnullach i. BATHADH ANN AN LOUISBOURG—Bha Iain Townsend air a bhàthadh aig beul acarsaid Louisbourg air an aonamh latha fichead de dh’ Ogust. Bha e na philot, agus bha e fein is triùir eile ’dol an coinneamh soitheach smùide bha tighinn a stigh. Chaidh am bàta anns an robh iad ro fhaisg air toiseach an t-soithich, agus bhuail i ann, ga ’bhrisdeadh ’s a’ tilgeadh gach aon a bh’ ann do ’n uisge. Chaidh càch uile a’ shàbhaladh, ach chaidh Townsend fodha ’s bha e air a bhàthadh. Dh’ fhàg e bantrach is teaghlach óg. GHLEIDH DIA AN RIGH.—Ma tha brìgh ann am mòran do’n chreideadh, do’n aideachadh, is do’n diadhachd mu ’n robh iomradh ré na seachdainean a dh’ fhalbh a thaobh an Righ tha e sollier gu ’n d’ fhuair ùrnuigh na rìgheachd éisdeachd. Tha cuid a fheadhainn cho fuasach fo bhuaidh laghan nàduir agus nach aidich iad gu’m bheil Cruitheir idir ann agus nach ’eil leigheas no slàinte air na loit chianail a chithear air corp a’ chinne-dhaonna. Cha bhuin iadsan do shliochd a’ chreididh a rinn na h-eileanan so ’nan cumhachd a tha ag aghartas ùmhlachd o mhòran rìgheachdan air thalamh. Ghléidh Dia na Righ gus an robh e air a chrùnadh air an t-Sathurna a dh’ fhalbh, agus bha co-fhaireachdain mhòr aig na h-uile aig an tigh agus thairis ris na smuaintean a bha aig a Mhòrachd ’nuair a fhuair e a mhiann air a shàsuchadh a thaobh a’ chrùnaidh. A réir coslais bha e ’na thlachd do mhòran feadh na h-Eorpa gu’n d’ fhuair e neart a ghiùlain e troimh na seirbhisean sòluimte air là a chrùnaidh. Tha sgeul an latha so a nis craobh-sgaoilte feadh an t-saoghail; agus cha ’n ’eil na Gàidheil air dheireadh ’nan dùrachd ’s ’nan ùrnuigh gu’n Gleidheadh Dia an Rìgh.—Oban Times. TEAGASG GAIDHLIG—Chithear ann an oisinn eile de’n phaipear so gu bheil duaisean air an tairgseadh air son a bhi teagasg Gàidhlig anns na sgoilean feadh na Gàidhealtachd. Tha sinn an dochus gu toir maighstirean-sgoile cothrom do ’n oigridh na duaisean a choisneadh. Chithear gu bheil duaisean air son na cloinne a tha fior òg cho math ri duaisean dhaibhsan a tha na ’s sine na sin. A suas leis a’ Ghàidhlig ma ta. Ann an co-cheangal ris a so chithear gu bheil Grammar Gàidhlig Reid a’ tighinn a mach as ùr air a mheudachadh agus air ath-leasachadh.—Highland News. BATHADH AIG SIDNI TUATH—Chaidh fear August Allopur a bhàthadh aig Sidni Tuath maduinn Di-dòmhnaich s’a chaidh. Chaidh e-fein is triùir chompanach do’n bhaile sin oidhche Di-sathuirne. Bha iad ag òl, ’s mu àm dol mu thàmh, dh’ fhairtlich orra àit fhaotainn anns an cuireadh iad seachad an oidhche; agus gu math anmoch chaidh iad na ’n sìneadh air aon de na laimhrigean. Mu dha uair ’sa mhaduinn chual’ a chompanaich esan a’ tuiteam dh’ an uisge, agus ghlaoidh iad air-son cuideachaidh. Ach ged chaidh ròp a thilgeadh g’ a ionnsuidh, cha d’ rinn e greim air, agus bha e ’m beagan mhionaidean air a bhàthadh. Bu Spàinteach e, agus bha e ’g obair ann am mèinn Chaledonia. Bha e mu dheich bliadhna fichead a dh’ aois. Bha da fhichead dolair de dh’ airgiod agus da uaireadair air fhaotainn na phòcaid an deigh a bhàthaidh. BRISDEADH-GEALLAIDH DAOR—Bha fear Domhnull F. Camaran, duine thatar ag radh a bhuineas do ’n eilean so, ann an dragh mor am Boston o chionn ghoirid a thaobh gealladh-pòsaidh. Bha e air gealladh a thoirt do dhithis, agus air dha té dhiu a phòsadh, chuir an té eile, bana-Mhoireasdanach, an greim e, ag agairt mar luach a’ gheallaidh bhrisde deich mile dolair. Chaidh a chuir do’n phriosan, agus an deigh dha bhi anns an ionad sin ùine ghoirid, thainig e gu còrdadh rithe, ’s air dha tri mile dolair a phàigheadh, chaidh a leigeil mu sgaoil. SGIORRADH MARBHTEACH—Ann an Thorburn, N. S., air an treas latha fichead de dh’Ogust, bha dithis ghillean òga air am marbhadh le spraidheadh fùdair. Bha iad a’ giùlain fùdair de ’n mhèinn, nuair chuir gille eile le tuiteamas sradag ris. Bha aon de na gillean, Fionnladh Domhnullach, seachd bliadhn’ deug a dh’ aois, agus an t-aon eile, Tearlach Mc Nulty, coig bliadhn’ deug. Bhuineadh Mc Nulty do Bhaile-Shearlot, E. P. I. CRUGAR AS A DHREUCHD—A reir sgeoil a thainig o chionn ghoirid, tha Pòl Crugar an deigh a dhreuchd mar cheannard nam Boerach a leigeil dheth. Tha an Seanalair Botha air a chur na ’àite, agus o’n tha ’m fear sin air mionnan-ùmhlachd a thoirt do Bhreatuinn, faodar a ghabhail mar fhìrinn nach eil na Boerich dol a chur an aghaidh uachdaranachd na dùthcha sin tuilleadh. [TD 38] [Vol. 11. No. 5. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 35.) earball gu ’cheann, agus a nis shluig i a dh’ aon slugadh an tarbh àluinn, eadar cheann is chasan! Dh’ innseadh do Zadi bochd ’s e ri beul bàis mar bha ’chùis: “Thugaibh innte!” ars’ esan, “marbhaidh leanabh beag a nis i.” Mach a ghabh Iomhar, ’s a bhuidheann nach obadh: leum iad oirre le claidhean ’s le biodagan. Dh’ fheuch a’ bheist ri blàr a thoirt doibh, ach cha b’ urrainn di gluasad—laidh i air a fad air an talamh. Cha d’ fhuirich Iomhar ri ’faicinn marbh—ruith e chum an tigh-shamhraidh far an robh a charaid. “A charaid, Seward,” ars’ esan, “fosgail; fhuair thu fuasgladh mu dheireadh.” Ach cha robh freagradh ann. Rug Iomhar an sin air tuaidh mhòir, agus le buille no dha bhris e ’chomhla. Fhuair e Seward ’sa shùilean dùinte ’sa ghruaidhean air dhath a’ bhàis ’na shuidhe air cathair. Ghlac Iomhar e ’na ghàirdeanan, ’s phòg se e. “A charaid, Seward,” ars’ esan, “a’ bheil thu beò?” Dh’ fhosgail e ’shùilean ’s dh’ fheuch e ri làmh a shìneadh ach thuit i thiota marbh ri ’thaobh. “Tha thu saor, a charaid,” arsa Iomhar. “Thà,” ars’ esan “’s cha ’n ann gun chunnart do m’ chairdean; ach Oh! mo bhean! mo bhean!” “Tha i beò agus a feitheamh riut aig a’ bhaile,” arsa Iomhar. O! giulainibh, giulainibh mi d’a h-ionnsuidh,” ars’ esan, “mun tilg mi ’n anail.” Ghiùlain iad e air leabaidh dhachaidh—phòg e féin ’s a Bhain-tighearn’ a cheile—ghabh e gloine fiona bho ’laimh, ach mo chreach! be’n gloine deirionnach e! Ann an ceann leth-uair thilg e ’n anail! Theagamh, nach creid cuid d’ ur luchd-leughaidh, nach faca riamh de ’n t-seòrsa so ach dearc-luachrach, gu bheil so fior: ach creididh sibhse, agus gach neach aig a’ bheil eolas air an t-saoghal, agus air eachdraidh an t-saoghail e.—Cuairtear nan Gleann. A BHEAN-TAIGHE ’S NA SITHICHEAN. SEANN SGEULACHD. AON uair o cheanna nan cian bha bean fear fearainn no tuathanach beartach ’san oidhche, mar a b’ àbhaist do mhnathan cùramach ’san àm, an déigh do dh’ fhear an taighe ’s do ’n teaghlach gabhail mu thàmh, a’ deanamh clò air an son. Air dhith a bhi sgìth agus ro chlaoidhte leis an obair thuirt i: “O, nach digeadh o thalamh no o chuan, o chian no o làimh, aon neach a chuidicheadh mise ’dheanamh a’ chlò so.” Cha luaithe bhruidhinn i na chual’ i bualadh ’s an dorus is guth ag éibheach ann an cainnt choimhich a thuig i ’bha ciallachadh: “Ionnaraidh mhor mhath bhean-an-taighe, fosgail an dorus dhomh, is cho fad ’sa mhaireas dhomhsa gheibh thusa.” Dh’ éirich i, ’s nuair dh’ fhosgail i ’n dorus thàinig bean choimheach ann an deise ciar-uaine ’stigh seachad oirre, is shuidh i aig a’ chuibheal-shniomh. Cha bu luaithe rinn i sin na thàinig buille na bu chruaidhe do ’n dorus, is éibheach ’s na ceart fhacail: “Ionnaraidh mhor mhath bhean-an-taighe, fosgail an dorus, is cho fad ’sa mhaireas dhomhsa gheibh thusa.” Nuair a fhreagair bean-an-taighe thàinig té neo-shaoghalta eile ’stigh, is ghabh i thun na cuigeil. Sin thàinig buille mòran na bu chruaidhe is guth na b’ àirde ag iarraidh a stigh ’s a’ tairgsinn cuideachaidh. Nuair dh’ fhosgladh an dorus thàinig ban-choigreach eile ’stigh, is shuidh i ’chàrdadh. Nuair thòisich ise air obair, thàinig bualadh na bu doirbhe do ’n dorus is guth a glaodhaich: “Ionnaraidh mhor mhath bhean-an-taighe, fosgail an dorus gu luath, is cho fad ’sa mhaireas dhomhsa gheibh thusa.” Nuair chaidh an dorus fhosgladh shnàmh té iongantach eile, na ’deise ’s na ’coltas mar bha càch, a stigh, ’s nuair a fhuair i àite-suidhe thòisich i air cìreadh clòimhe. Sin thàinig an ath té le barrachd stairirich, ’s nuair fhuair i ’stigh thòisich i air tlàmadh. Bha iad a nis a’ tighinn na bu chaise ’s na bu luaithe, aon as déigh aoin, le farum is gleadhraich na bu mhotha ’s na b’ àirde, gus an robh an taigh loma-làn dhiubh ’s iad uile an greim. Thòisich an sin an obair da rìreadh, cìreadh, càrdadh, tarruing, tlàmadh, cuigealadh, snìomh bheairt-fhighe gu luath, luath, ’s am bùrn luaidh mu ’n teine, ’s chluinnte srannail na cuibhle, spreagail nan càrd, dìosgail na cuigealach ’s sùrd na beairt-fhighe cian air astar. Dh’ fheuch bean-an-taighe mhaith, mar b’ fhearr a b’ urrainn di, ri tàmh a chur air an ùpraid, is pailteas bidh ’chumail riutha, gus am faicte ’s an cluinnte am fallus a’ tuiteam bho ’h-aodann le slad air an ùrlar. Ach cha chumadh an domhan biadh riutha—mar b’ fhaide ’s an oidhche thàinig e ’s ann bu mhotha dh’ iarradh iad, ’s cha bu mhotha an obair na na dh’ fheumadh iad. Aig a’ mheadhon-oidhche bha ’bhean-taighe chòir gu tuiteam le saothair obair. Dh’ fheuch i sin ri fear-an-taighe dhùsgadh ach cha b’ urrainn dhith. Bha e cho math feuchainn ri clach-mhuilinn a charachadh; cha ghluaiseadh ’s cha bhruidhneadh e, ged a chàireadh ’s a ghlaodhadh i fhathast ris. Nuair a dh’ fhairlich e oirre ’s nach robh fhios aice dé dheanadh i, smaointich i dol air son comhairle gu sean duine glic air a’ bhaile. Dh’ fhàg i ’chuideachd neo-thlachdmhor aig a’ chuid mu dheireadh de ’n deasachadh rinn i dhaibh, ’s ràinig i an duine glic is dh’ innis i dha an dragh a bh’ oirre ’s mar nach dùisgeadh fear-an-taighe. Thug esan achmhasan dhith air son a cion-mothachaidh ann a bhi ’g iarraidh cuideachaidh neo-shaoghalta, ’s thuirt e rithe: “Cho fad ’s is beò thu na cuir romhad, na iarr ’s na guidh air son ni mi-dhealbhach no mi-cheutach, eagal ’s gum faigh thu t-òrdugh ’s gu ’n toir thu sgiorram ort fhéin. Thàinig na daoine ’s cha chuir saothair bruidhne air falbh iad. Tha fear-an-taighe fo gheasaibh, ’s mu ’n dùisg e feumaidh a’ mhuinntir neo-cheadaichte, a ghuidh thu fhéin air an son, an taigh fhàgail, is beagan de ’n bhùrn luaidh a chaitheamh air.” Dh’ fharraid i an sin dé ’n dòigh air am faigheadh i na daoine fhuadach air falbh, is thuirt an sean duine rithe tilleadh dhachaidh, is seasamh air an dùn aig dorus an taighe is glaodhach aird a cinn tri uairean gun robh Dùn Bhurg na ’theine. Thigeadh a’ chuideachd an sin a mach le réis a dh’ fhaicinn an t-seallaidh iad fhéin, ’s nuair gheibheadh i taobh a mach an taighe iad ’s an dorus druidte orra, bha i ri car tuathail tarsuinn no car muiltein a chur ’s na h-uile ni bha iad ag obair leis. Thill i leis an fhiosrachaidh a fhuair i, ’s nuair ràinig i ’n cnoc mu choinneamh an doruis ghlaodh i cho searbh ’s cho cruaidh ’s gu ’n cluinneadh feadhainn a b’ fhaid’ air astar na na bha na beachd i: “Tha teine an Dùn Bhurg! Dùn Bhurg ri ’theine! Dùn Bhurg na ’lasair dheirg!” Mu ’n do chrìochnaich i an glaodh corranach bha ’chuideachd shìth mach as an tigh na ’n sradaichean, a mùchadh ’s a’ saltairt air a chéile feuch co aca bhiodh air thoiseach anns an “holovohorohe” bha aca ’ruigheachd an doruis ’s iad ag éibheach— Mo bhean ’s mo phaisdean, mo chaise ’s mo ghogan ime, Mo mhic ’s mo nigheanan, ’s mo chisteachan mora mine, Mo chir ’s mo chardan, an snath ’s a’ chuigeal, Mo bho ’s a’ bhuarach, ’s na cuachan bainne, Eich ’s na h-iallan, cliabhan ’s cinnean, ’S an talamh ’cur roimhe, m’ uird ’s m’ innean. Dùn Bhurg ri theine! ’S ma loisgear Dùn Bhurg Loisgear mo mhùirn ’s mo mhireadh. A h-uile h-aon riamh dhiubh a’ caoidh rud a b’ fhearr ’sa b’ fhiù leò ’chaidh fhàgail ’san Dùn. Nuair fhuair a’ bhean taighe gu ’n robh iad taobh a muigh an doruis chaidh i stigh air an cùlthaobh cho luath ’sa b’ urrainn dhith, ’s dhùin ’s chrann i ’n dorus orra, ’s mar a dh’ earbadh rithe chur i air aimhreidh a h-uile sion air an robh na daoine ’s na mnathan còire ag obair. Thug i ’bhann bhàrr na cuibhle, chur i car ’s a’ chuigeil, na càrdan còmhla ’n àite bhi cas mu seach, caramuiltein de ’n bheart-fhighe, am bùrn luaidh bhàrr an teine, ’s mar sin a sìos. ’S gann a bha i ullamh dheth so, ’s i air tòiseachadh air deasachadh do mhuinntir an taighe, na thill na Daoine Còire air ais ag iarraidh a stigh ’s ag éibheach: “Ionnaraidh mhòr mhath bhean-an-taighe, leig a stigh sinn.” “Cha ’n urrainn mi,” ars’ ise, “’s mo làmhan ’s an taois.” Sin ghlaodh iad ris a chuibhle: “A chuibheal mhath, eirich ’s fosgail an dorus dhuinn.” “Ciamar dh’ fhaodas mi,” ars’ a’ chuibheal, “’s mi gun bhann.” Rinn iad an sin diùrais ris a’ chuigeal: “A chuigeil ullamh, ealamh, fosgail an dorus dhuinn.” “’S mise gu ’n deanadh,” ars’ a chuigeal, “mur biodh car annam.” Thuirt iad a nis ris na càrdan an dorus fhosgladh. “Dheanamaidne sin gle thoilichte na ’m biodh comas nan cas againn.” Thug iad an sin an aire do ’n bheairt-fhighe ’s nach diùltadh i iad. Thuirt a’ bheairt-fhighe gu’n deanadh mur biodh i car-a-muiltein. Bhrìodail iad a nis air a’ bhùrn-luaidh an leigeil a stigh, ag ràdh ris: “’Bhùrn luaidh, nach fhosgail thu ’n dorus.” “Cha ’n urrainn mi ’s mi bhàrr an teine,” ars’ am bùrn luaidh. Bha iad thun toirt thairis ’s a’ fàs neo-fhoighidneach, ’s air a cheann mu dheireadh thug iad an aghaidh, ’s rinn iad an gearan ris a bhonnach bheag a bha ga ’bhruich air leac an teintein, ’s thuirt iad ris: “A bhonnaich bhig an àigh, fosgail an dorus gu grad ’s cabhag oirnn.” Dh’ éirich am bonnach beag ’s thug e an dorus air cho luath ’sa b’ urrainn da, ach bha ’bhean-taighe na ’h-earalas. Air a dhéigh ghabh i ’s rug i air ’s thug i gomag as, ’s an àite ruigheachd gu “snec” an doruis ’s ann thuit e na ’spleog air an ùrlar. Bho nach robh dòigh no dealbh tuilleadh aca air faighinn a stigh, ghabh iad le dùrachd an sàs am fear-an-taighe, ’s b’ e cheann an aon bhall coise caol ’s iomain dhaibh, gus an àite bhi trom an d’ fhàs e cho aotrom ri iteag. Nuair nach gabhadh an horó fulang na b’ fhaide, chuimhnich a’ bhean-taighe mar dh’ iarradh oirre deanamh leis a’ bhùrn luaidh, is thog i làn cuaiche ’s thilg i thairis air fear-an-taighe e. Dhùisg esan gun dàil. Bha an t-àm aige. Dh’ éirich e is dh’ fhosgail e ’n dorus, is sguir an ùpraid. BATHADH ANN AN SOURIS—Air Di-sathuirne, an treas latha fichead de dh’ Ogust, bha òganach d’ am b’ ainm Steaphain Mac-Aonghais air a bhàthadh aig Souris, E. P. I. Bha e-fein is fear eile, Hensley Domhnullach, a mach air an acarsaid a’ seoladh, agus chuir oiteag ghaoithe am bàta anns an robh iad thairis. Fhuaireadh an corp an ùine ghoirid an deigh a bhàthaidh. Cha robh Mac-Aonghais ach ochd bliadhn’ deug a dh’ aois. [TD 39] [Vol. 11. No. 5. p. 7] Oran d’a Nighinn. LE DOMHNULL MAC-RUAIRAIDH, Air a’ cheathramh latha deug de ’n Mhairt, 1871. Gur e mise tha fo mhì-ghean ’S mi leam fhéin air a chnoc, Cha ’n ’eil m’ aigne rium sìobhalt’— Gu ’m bheil m’ inntinn fo sprochd, Gun mo chuideachadh làmh rium, Sgeula ’chràidh mi gu goirt; Ach ma rinn thu nis m’ fhàgail, ’S mòr an gràdh ’bh’agam ort. Bha mi ’n raoir aig an teine Na mo chaithris ’n déigh chàich Gus an robh mi a’ smaointean Gu’n ’ghabh daoine mu thàmh, An dùil gu’n cluinnin do bhruidhinn, A’ tighinn mar b’ àill; ’S nuair a ghabh mi ’n sin fadachd, Chaidh mi ’n leabaidh fo pràmh. O cha d’ fhuair mi ’n raoir cadal, Cha robh ’m aigne na ’tàmh, S mi ri ionndrainn na gruagaich Dh’fhalbh Diluain gu math tràth; Gu ’m bi snidh air mo chluasaig Iomadh uair air do sgàth; ’S bòchd an naigheachd gu ’n ghluais thu Do ’n Cheann Uachdrach a thàmh. ’S iomadh crois ’th’ anns an t-saoghal ’S mise a dh’ fhaodadh a ràdh, Fhuair mi buillean bha ciùrrta, ’S tric mo sgiùrsadh le bàs; ’N uair a thug thu do chùl rium Shil mo shùilean gu làr, Cha ’n ’eil stàth dhomh bhi ’g innseadh Gu ’m bheil m’ inntinn fo phràmh. O cha sheinn mi ’chaoidh òran, Thuit mo shòlas gu làr, Dh’ fhalbh mo shùgradh ’s mo dhòchas, ’S thàinig bròn nis na ’n àit; Tha mo chridhe gu sgaoileadh, Tha mi ’smaointean, le cràdh; ’S tha mo chadal ro luaineach, Ort a’ smuaintean gach tràth. ’S ann ort fhéin tha’n cùl dualach Mar bu dual dhuit a’ fàs; ’S goirt an naigheachd r’a luaidh leam Gur e ghluais thu am bàs; Dh’ fhàg sid snìdhe air mo ghruaidhibh Na h-uil’ uair gheibh mi fàth; ’S mur a caochail mo smuaintean Gur i ’n uaigh mo lag-tàimh. O’n a dh’ fhàgadh thu d’ aonar Thug mi gaol dhuit thar chàich, Och a righ! ’s beag a shaoil mi Gu’n tigeadh caochladh cho trath; Ach mo bheannachd gu buan leat A dh-ionnsuidh uarach do bhàis; Agus Ard-Righ nam buadhan A bhi mu ’n cuairt ort mar gheàrd. Ged tha d’ athair car dripeil Mar a bhrist air le bàs, Cha ’n e idir a ghluais thu, Och, mo thruaighe! cho tràth, Ach do mhuime bhi ’n gruaim riut, Mar a chualas aig càch; Gu ’m bheil sìd riutha fuaighte Nuas o dhualchas a’ fàs. Bha do mhuime ro ghòrach ’Dol ga d’ fhògairt cho tràth, Le cuid smuaintibh ro neònach, Mar tha ’n stoiri ag ràdh, Tha do pheathraichean òg leam Gus mo chòmhnadh na thràth; So an t-Earrach a ghual mi; Och, mo thruaighe mar tha! So an t-earrach a chiùrr mi Dh’ fhàg mi tùirseach a ghnàth, ’N uair a thug thu do chùl rium Thuig mi ’ruin, mar a bha, O cha’n fhaic mi ’n Fhéill Pheadair ’S an t-seadh so gu bràth; Bi nis Ard-Righ nan dùlan ’Ga mo stiùradh le d’ ghràs. Tha mo chlais’neachd air tréigsinn, ’S gu’n mo léirsinn ach mall, Tha sud a’ teagasg le reusan, Gu bheil mo réis aig a ceann; A Thì a dh’ fhuiling ’n am àite ’S a bha dhomh gràsmhor ’s gach àm, Biodh do Spiorad ’g am stiùireadh Ré mo chùrsa troimh ’n ghleann. ’Nuair a pheacaich ar sinnsear Dh’fhàg iad dìleab aig càch, Ged bha ’fhreumhaichean ìosal, Rinn iad direadh an àird; ’S tric a mheall iad na fìrean’ Bu dìlse na càch; Tha na boirionnaich cinnteach, Iomadh fillte ro cheàrr, Ged a dh’ ìnnsinn-sa ’n tiodal Mar a misde cha ’n fheàird; Tha air aithris ’s an “fhìrinn” Le cinnte mar tha; ’S iomadh earrann ’s a’ Bhìobull A ni ’n dìteadh gu bràth; ’S anns na litrichibh priseil Chaidh a sgrìobhadh le Pàl. Ann an Gnath-fhocail Sholaimh Fhuair mi coimeas no dhà; Gu ’m bheil teine ’nam broilleach, Bhios ’n a dholaidh do chàch, O cha ruig mi leas fianuis A bhi ’g a h-iarraidh ’s a chàs; An neach bu ghlice ’s an t-saoghal Chuir e aont’ ris mar tha. O Thighearna phrìseil Do ’n léir gach nì a bhios ceàrr, Dean do lagh nis a sgrìobhadh Air a h-inntinn gun dàil, Thoir dhi gliocas na “firinn” Nach dìobair gu bràth ’S dcan a treòrachadh dìreac Dh’ ionnsuidh rìoghachd nan gràs. Ach a nis ’s a’ cho dhùnadh ’S e mo dhùrachd gu bràth Gu ’m biodh Ard-Righ nan dùlan ’G ad stiùiradh ’s gach àit, O, bi tric ris ag ùrnuigh, ’S cum do shùil air a ghnàth ’S bheir e dhachaidh a null thu Dh’ ionnsuidh dùthaich Chanàin. Laoidh. ’Ierusaleim, mo dhachaidh aigh, Ad ionnsaidh cuin thig mi? O cuin a chrìochnaichear mo bhròn, Is d’ aoibhneas cuin a chì? O thìr ’tha taitneach, sòlasach, O chala ait nan saoi, Chan fhaighear bròn am feasd a[?] chòir, No cùram, saoth’r, no caoidh. Chan ’eil innt’ sannt no ana-miann, No farmad fòs, no strìth; Chan ’eil innt’ acras, tart, no teas, Ach taitneasan gu dìth. Do bhallachan is clachan taght’, Do dhaingneach daoimean gearrt’, Do gheatachan is neamhnaidean— Mo mhiann bhith ’n sud gu h-ard! ’S ro ghrinn a tùir ’s a binnein ard’ Le dearrsadh mhóran léug; Le iasper, crisolit, ’s gach clach Is taitniche na chéil’. Le fuaim ro chaoin tha ’n abhainn bheò A’ sruthadh feadh gach sraid, ’S mu ’bruachan glasa air gach taobh, Tha craobh na beatha fas. A craobhan toradh bheir gach mìos, Is fasaidh iad gach ré; ’S bheir uile shloigh an domhain mhóir Dhuit fhéin an glòir gu léir. ’Ierusaleim, mo dhachaidh aigh, Mo mhiann bhith annad shuas! O b’ fhearr gun crìochnaicheadh mo bhròn, ’S gum faicinn d’ aoibhneas buan! Mol an latha math air a dheireadh. FACLAIR GAILIG MHIC-EACHUINN. Tha àireamh de ar leughadairean a dh’ orduich an leabhar gasda so a’ call am foighidin nach eil iad ga ’fhaotainn. ’S e ’s aobhar do ’n dàil, gu ’n d’ rinn an leabhar-reiceadair dh’ ionnsuidh ’n do chuir sinn ga ’n iarraidh dearmad air an cur ugainn, agus gu ’m b’ fheudar dhuinn cur gu fear eile. Bidh iad againn, tha sinn an dòchas, an ùine ghoirid, agus an sin riaraichear gach aon a chuir ugainn air an son gun dàil. CUISEAN FOGHLUIM—Tha luchd-riaghlaidh Oil-thigh Dhalhousie a’ cur rompa sgoil-mhèinneadaireachd fhosgladh air an fhoghar so, anns am bi cothrom air a thoirt do dhaoin’ òga air sgil fhaotainn anns gach seòrsa mèinneadaireachd a tha dol air adhart anns na Roinnean Iochdrach. Tha iad ag iarraidh ceud mile dolair a chur cruinn air son an aobhair so, agus tha a’ chuis gu ruige so a’ dol leotha gu math. Bha coinneamhan aca ann an Ceap Breatunn air an t-seachduin s’a chaidh, agus fhuair iad deagh mhisneach. Tha cruinneachadh aig luchd-teagasg nan sgoilean an Cheap Breatuinn ann an Sidni air an t-seachduin so. Tha àireamh mhor dhiu cruinn, agus tha coltas air na coinneamhan a bhi gle fheumail. Tha an t-Ollamh Mac Aoidh, á Halifacs air an ceann. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. [TD 40] [Vol. 11. No. 5. p. 8] Bas Mhairi. Caileag a bha anabarrach gaolach ’s a chaochail ’n a leanabachd. LE EÒBHAN MAC-COLLA. Chaochail i—mar neulta ruiteach ’Bhios ’san Ear mu bhriste fàire, B’ fharmad leis a Ghréin a’ bòi’chead, Dh’ éirìch i ’na glòir chur sgàil orr’. Chaochail i—mar phlatha gréine, ’S am faileas ’na réis an tòir air; Chaochail i—mar Bhogh’ nan speura, Shil an fhras a’s thréig a ghlòir e. Chaochail i—mar shneachd a luidheas Air an tràigh ri cois na fairge; Dh’aom an làn gun iochd air aghaidh— ’Ghile O cha b’ fhada shealbhaich! Chaochail i—mar ghuth na Clàrsaich ’N uair a’s drùitiche ’s is mìls’ e; Chaochail i—mar sgeulachd àluinn, Mu’n gann thòisichear r’ a h-ìnnseadh. Chaochail i—mar bhoillsge gealaich, ’S am maraiche fo gheilt ’s an dorcha; Chaochail i—mar bhruadar milis, ’S an cad’laiche duilich gu ’n d’ fhalbh e. Chaochail e—’an tùs a h-àille, Cha seachnadh iad á Pàrras féin i; Chaochail i—O! chaochail Màiri Mar gu’m bàthte ghrian ag éiridh! Teann, Teann, Teann a’ Bhodaich Teann, teann, teann a’ bhodaich Teann, fuirich thall a’ bhodaich, Teann, teann, teann a’ bhodaich, ’S na bi tighinn a chogadh oirnn. ’Bhodaich na bi tigh’n ’g am iarraidh ’S cinnteach mi nach pòs mi ’m bliadhn’ thu, ’S ann a tha do cheann air liathadh, Bu chùis phianaidh dhomh do phòg. AM BODACH. Ged a tha mo cheann air liathadh, Cha ’n ’eil mi ach leith-cheud bliadhna, Gheibh mi caileag òg, ma dh’ iarras, A bhios riaraichte gu leòir. ISE. Ged a rachadh tu a dh’ ionnsaidh Na tha caileagan ’s an dùthaich, Cha ’n ’eil té dhiu a ni sùrd riut; ’S ann tha ’n sùil ’s na gillean òg’. ESAN. Tha na gillean òga sgaomach, ’N uair a thachras iad ’s an fhraoch ruibh ’S a labhras iad ruibh gu faoilidh Saoilidh sibh gu ’m bi sibh pòsd’. ISE. Biodh iad suidhichte no sgaomach, Tha iad laghach, tha iad aoidheil; ’S olc an té nach tugadh gaol dhaibh ’Us iad daonnan air a tòir. ESAN. Ged a bhiodh gille òg a’d’ dhéigh-sa ’Se ’toirt gheallaidhnean air féin dhuit, ’S ealamh ’dheanadh e do thréigsinn Airson euchdaige bu bhòidhch’. ISE. ’Se chuir mise ’n diugh fo éislean Nach ’eil Aonghas Ruadh, no Seumas, No Iain donn ag ràdh rium, “Eudail”; ’S mòr an t-eibhneas an gill’ òg. ESAN. A ghaoil, nach dean thu leam lubadh ’S pailteas eòrna ’s coire air m’ ùrlar: Cha bhi d’ aran ort mar chùram ’S cha bhi thu gun leann a’ d’ stòp. ISE. ’S bochd an ni dhomh ’bhi mar tha mi, ’S tha mo mhathair rium a raitinn Pos e ’s cha tig dad ri d’ la riut— So, a ghraidh, mo lamh ’s mo phòg. Thig, thig, thig, a bhodaich, Thig, thig a nall, a bhodaich Thig, thig, thig, a bhodaich, ’Se ’chùis shogain a bhi d’chòir. Cumha Mhic-Leoid. LE BAINTIGHEARNA D’OYLY. Tha dùthaich MhicLeoid fo bhron ’s fo mhulad, Bho Chuilinn gu Stròm cha chluinnt’ ach tuireadh, Sliochd Ruari Mhòir nam bratach ’s nan sròl, Mo chreach ’s mo leòn nach till iad tuillidh. Cha till, cha till, cha till iad tuillidh, Cha till, cha till, cha till iad tuillidh, Cha till, cha till, cha till Mac Leòid, Mo chreach ’s mo leòn nach till iad tuillidh. Tha cumha ’s caoidh air tìr ’s air linne, Cha chluinnear ceòl no spòrs nan gillean, O, b’ fhèarr bhi ’s an Dùn an dùthaich do rùin, Na d’ chùl ris ’n Dùn gun dùil ri tilleadh. Cha till, etc. O, Thormaid Mhìc Leòid tha ’m bròn ga m’ mhilleadh, Cha tog mi chaoidh fonn air rann no iorram, Tha do bhuaile gun bhò gun do spréidh air an lòn, Gun bhradan na d’ chrò no do sheòl air linne. Tha do chaisteal gun cheò, gun cheòl, gun uidheam, Gun sunnd air bòrd, no òl na dibhe, Gun sòlas tha ’n Dùn gun bhratach tha ’n Tùr, ’S bean òg do rùn ’s a sùil ri sileadh. Clann altruim mo ghràidh, luchd a’ ghàire ’s a’ mhire, Do ’m b’ eutrom leum ’ur ceum air glinne, Leam a b’àluinn an cinn, ’s an casan beag, grinn, ’S am billibh bha binn nach cluinn mi tuillidh. Tha do mhàthair fo éislein, deurach, duilich, Do chinneadh gu léir fo éigin buileach, ’S piuthair do luaidh gun chadal gun suain, ’S an fhuaim ’n a cluais nach till thu tuillidh. Thug iad “Tormaid gun dad” ort, ’n uair bhaist iad ’s an Dùn thu. Gun leanadh an t-ainm riut, O, ’s beag bha mi’n dùil ris, B’e sin manadh na truaighe chuir seachad gach buaidh ort. ’S a ghreas ort an uair nach till thu tuillidh. Mo thruaighe air sìol Leòid! tha ’m bròn orr’ uile, Cha chluinnt’ “seid suas,” air bruaich no tullaich, Sìol Thorcuill na gréine, ’s an ceannard ga ’n tréigsinn, Sìol Thormaid an déigh sin, ’s nach till iad tuillidh. AN AN TOGALACH UR.—Tha F. Falconer & Son a nise deanamh gnothuich anns an togalach ùr a chuir iad suas air an t-seann làraich. Tha an stòr aca na àite-reic Charbadan is Acuinn cho briagha ’sa tha ’n taobh an ear Chanada. Tha 36 bliadhna o ’n thòisich Falconer ri deanamh gnothuich an Sidni. Is stuama duine laimh ri ’chuid. Is suarach an càirdeas a dh’fhéumas a shìor cheannach. Is suarach uisge teth a shireadh fo chloich fhuair. Is tearc teanga mhìn gun ghath air a cùl. Is toigh le bó mhaol bó mhaol eile. Is ann againne a gheibh thu na Gloineachan Sula a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 41] [Vol. 11. No. 6. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 19, 1902. No. 6. MURCHADH MAC BRIAN. BHA triùir dhaoine ann an dùthaich Chinn a’ Choire ann an Eirinn: b’ e sin Murchadh mac Brian, agus Donnachadh mac Brian, agus Brian Bòrr an athair. Fhuair iad cuireadh a dhol gu dinneir gu h-àite ris an abradh iad Magh O’Dòrna. Thug iad leotha tri fichead sgian, agus tri fichead srian, agus tri fichead each cluas-dearg, geal. Shuidh iad aig a’ chuirm, ’s cha luaithe shuidh iad aig a’ chuirm na chunnaic iad gruagach Chnoc Seanain an Eirinn a’ dol seachad. Sid a mach gabhaidh Murchadh, sid a mach gabhaidh Donnachadh, agus sid a mach gabhaidh Brian Bòrr, an athair, ’nan déigh. Cha b’ fhada bha iad air falbh nuair a chunnaic iad òlach mòr a’ tighinn ’nan coinneamh. Bheannaich Brian Bòrr e ann am briathran fisniche, foisniche, fìle, mìle, ciùin an seanachas. Fhreagair esan ann am briathran a b’ fhearr, ’s mur a b’ iad a b’ fhearr cha b’ iad a bu mhiosa. “Dé ’n duine thusa?” arsa Brian Bòrr. “Is gille math mi ag iarraidh maighstir.” “Uile chumhachdan an t-saoghail á d’ aghaidh a bhiasd; am math leat do chrochadh is sian fada mu d’ shuilean; ’s fhada bhithinn fhéin mu ’m fasdainn thu aig do mheud.” “Is coma leam cò aca; dh’ fhaoidte gu ’m fasdadh Murchadh mi.” Ràinig e Murchadh, ’s bheannaich Murchadh e ann am briathran fisniche, foisniche, fìle, mìle, ciùin an seanachas. Fhreagair an t-òlach e ann am briathran a b’ fhearr, ’s mur a b’ iad a b’ fhearr cha b’ iad a bu mhiosa. “Dé ’n duine thusa?” arsa Murchadh. “’S gille math mi ’g iarraidh maighstir,” ars’ esan. “Dé ’n tuarasdal a bhios tu ’g iarraidh?” “Da thrian de d’ chomhairle gus an tig sinn o ruith na gruagaich, ’s gu ’n a bhi agad féin ach an t-aon.” “Ma gheibh thusa sin,” arsa Murchadh, “cha d’ fhuair fear romhad e, ’s cha ’n fhaigh fear a d’ dheigh e; ach ’s cinnteach mur am b’ airidh thu air nach iarradh tu e.” Nuair a chòrd iad thug e roid an déigh na gruagaich, ’s cha b’ fhada ’bha e air falbh nuair a thill e. “Uile chumhachdan an t-saoghail a d’ aghaidh,” arsa Brian Bòrr; “am math leat do chrochadh is sian fala mu d’ shùilean? Dh’ aithnich mi gu ’n robh e gun ghille toiseach an latha, am fear a dh’ fhasdaidh thu, ’s ’nan gabhadh e mo chomhairle-sa cha d’ fhasdaidh e thu.” “Cha dean mi tùrn math an diugh gus an d’ thig na géineagan bhar a’ chòta mhòir.” Fhuair iad an sid tàillear, ’s cha robh de dh’ innleachd aig an tàillear ’na bheireadh na géineagan bhar a’ chòta mhòir. Thug e ’n sin siosar a mach á bile na h-ata bige, ’s thug e na géineagan bhar a chòta mhòir ann am mionaid. Thug e roid an sin an déigh na gruagaich a rithist, ’s cha b’ fhada bha e air falbh nuair a thill e. “Uile chumhachdan an t-saoghail a d’ aghaidh,” arsa Brian Bòrr; “am math leat do chrochadh is sian fala mu d’ shùilean? Dh’ aithnich mi gu ’n robh e gun ghille toiseach an latha, am fear a dh’ fhasdaidh thu, ’s ’nan gabhadh e mo chomhairle-sa cha d’ fhasdaidh e thu.” “Cha dean mi tùrn math an diugh gus an teid na géineagan air a chòta mhòr a rithist; no ma chi mnathan a’ bhaile mi bidh a h-uile té dhiubh as mo dhéigh.” Fhuair iad tàillear, ’s cha ghearradh a shiosar greim, ’s cha ’n fhuaigheadh a shnàthad beum. Thug e fhein an sin siosar is snàthad á bile na h-ata bige, ’s chuir e na géineagan air a’ chòta mhòr a rithist. Thug e roid bheag eile an déigh na gruagaich, ’s cha b’ fhada bha e air falbh nuair a thill e. “Uile chumhachdan an t-saoghail a d’ aghaidh,” arsa Brian Bòrr; “dh’ aithnich mi gu ’n robh e gun ghille toiseach an latha am fear a dh’ fhasdaidh thu, ’s nan gabhadh e mo chomhairle-sa cha d’ fhasdaidh e thu.” “Cha dean mi tùrn math an diugh gus an d’ thig am bior a th’ ann am chois aisde.” Fhuair iad an sin léigh, ’s cha robh de dh’ innleachd aig an léigh na bheireadh am bior as a chois. Thug e féin iarunn beag a bh’ aige am bile na h-ata bige a mach, ’s thug e ’m bior as a chois, ’s bha ’m bior troidh na b’ fhaide na ’n lurga. “Ubh! ubh!” arsa Brian Bòrr, “’s iongantach an gnothach sin, am bior a bhi na b’ fhaide na ’n lurga!” “’S iomadh rud,” ars’ esan, “is iongantaiche na sin; tha sìneadh math an ceann nan alt ’s nan cnàmh.” Thug e roid bheag air falbh an sin, ’s cha b’ fhada bha e air falbh ’nuair a thill e, ’s lach aige air a ròsdadh air an teine, ’s gun bhall loisgte no amh innte, ’s bha sàith a h-uile duine stigh innte. “’S e so tùrn a’s fhearr a rinn thu fhathasd,” arsa Brian Bòrr. “Cha dean mi tùrn math an diugh gus am faigh mi lochdan beag cadail.” Dh’ fhalbh iad air chùl Chnoc Seanain an Eirinn, air chùl gaoithe ’s air aghaidh gréine, far am faiceadh iad gach duine ’s nach fhaiceadh duine iad. Chaidil e ’n sin, ’s nuair a dhùisg e dé bha ach gruagach Chnoc Seanain air mullach a’ chnoic. Dh’ éirich e, ’s bhuail e buille d’a bhois oirre ’sa chluais, ’s chuir e ’n ceann cùl air bheulthaobh. “Uile chumhachdan an t-saoghail a d’ aghaidh,” arsa Brian Bòrr; “am math leat do chrochadh is sian fala mu d’ shùilean? Cuir an ceann gu ceart air a’ ghruagaich.” “Ma dh’ iarras mo mnaighstir sin orm ni mi e, ’s mur an iarr cha dean mi ’n diugh air do shons’ e.” “Sin agad i,” arsa Murchadh, “’s dean do roghainn rithe.” Bhuail e ’n sin a dhòrn oirre, ’s chuir e ’n t-eanchainn aisde. Cha b’ fhada bha iad an sin nuair a chunnaic iad fiadh, agus gadhar ’ga ruith. Mach as a dhéigh gabhaidh iad; ’s na spreadan a bha ’n gadhar a’ cur as a ladharan, bha iad a bualadh gille Mhurchaidh an clàr an aodainn; na spreadan a bha gille Mhurchaidh a’ cur as a ladharan, bha iad a’ bualadh Mhurchaidh an clàr an aodainn; ’s na spreadan a bha Murchadh a’ cur as a ladharan, bha iad a bualadh Dhonnachaidh an clàr an aodainn; ’s na spreadan a bha Donnachadh a’ cur as a ladharan, bha iad a bualadh Bhrian Bòrr an clàr an aodainn. An àm an anmoich chaill Murchadh a chuid dhaoine. Cha robh ’athar, no bhràthair, no ’ghille, no ’m fiadh, no ’n gadhar r’a fhaicinn, ’s cha robh fios aige dé ’n taobh a rachadh e ga ’n iarraidh. Thainig ceò orra. Smaointich e gu ’n rachadh e stigh do ’n choille ’chruinneachadh chnothan gus am falbhadh an ceò. Chual e buille tuaigh anns a’ choille, is smaointich e gu ’m b’e fear na h-ata bige ’s na bonaide mòire bh’ ann. Ghabh e sios, ’s is e fear an ata bhig a bh’ ann. Bheannaich Murchadh e ann am briathran fisniche, foisniche, fìle, mìle, ciùin an seanachas; ’s fhreagair an t-òlach e ann am briathran a b’ fhearr, ’s mur a b’ iad a b’ fhearr cha b’ iad a bu mhiosa. “Tha dùil agam fhéin,” ars’ an t-òlach sin, “gur h-ann do chuideachd Mhurchaidh mhic Brian thu.” “’S ann,” ars’ esan. “Mata bheirinnsa cuid na h-oidhche dhuit airson an duine sin, ged a bhiodh ceann duine air do chrios.” Bha eagal air Murchadh gu ’n iarradh e air an tuagh a ghiùlan dachaidh aig a meud. “Ghille mhath,” ars’ esan, “tha mi cinnteach gu ’m bheil thu féin gle sgìth an deigh d’ allabain is d’ ànraidh. Tha e mòr leam iarraidh ort a’ chual a thogail air mo mhuin, ’s tha e ro mhòr leam iarraidh ort an tuagh a thoirt dachaidh.” Dh’ fhalbh e ’s thog e chual chonnaidh air a mhuin fein, thug e leis an tuagh ’na làimh, is dh’ fhalbh iad ’nan dithis gu taigh an duine sin, ’s b’e sin an taigh ciatach. Thug, an sin, bean an duine sin a nìos cathair òir, ’s thug i d’a fear féin i, ’s thug i nìos cathair airgid, ’s thug i do Mhurchadh i. Thug i nìos stòpan fìon ’s thug i do Mhurchadh e, ’s thug e deoch as. Shìn e do ’n fhear eile e, ’s an déigh dhàsan na bh’ ann òl bhrist e ris a bhall’ e. Bha iad a’ seanachas còmhla, ’s bha Murchadh daonnan ag amharc air bean-an-taighe. “Tha dùil agam fhéin,” arsa fear-an-taighe, “gur tu Murchadh mac Brian fein.” “Mata ’s mi.” “Rinn mise da mhi-mhodh ortsa o’n a thàinig thu thun an taighe, ’s rinn thusa h-aon ormsa. Shuidh mi féin anns a’ chathair òir, ’s chuir mi thusa anns a chathair airgid. Bhrist mi ’n còrn dibhe; bha de dh’ easbhuidh orm gu ’n deoch òl á soitheach leith fhalamh. Rinn thusa mi-mhodh eile ormsa; tha thu ’g amharc air a’ mhnaoi sin agam o’n a thàinig thu thun an taighe, ’s na ’m biodh fhios agad na fhuair mi ’dhragh rithe, cha bhiodh iongantas ort ged nach bu mhath leam duine eile ’bhi ’g amharc oirre.” “Dé,” arsa Murchadh, “an dragh a fhuair thusa rithe, nach d’ fhuair fear romhad, ’s nach fhaigh fear eile a’d’ dhéigh?” “Caidil a nochd ’s innsidh mi sin duit am màireach.” “Cha téid neul cadail air mo shùil a nochd, gus an innis thu dhomh dé ’n dragh a fhuair thu rithe.” “Bha mi ’n so seachd bliadhna gun duine leam ach mi féin. Thàinig an seanaghal latha an rathad, ’s thuirt e rium na ’n rachainn gus an ruig an sibearta geal gum faighinn fiosrachadh ann. Dh’ fhalbh mi ’n sin latha bòidheach samhraidh, ’s co bh’ ann ach gruagach an eilean ’s gruagach a ghadhair a’ cur blàir. Thuirt gruagach an eilean rium na ’n rachainn a stigh air a h-aghaidh a chuideachadh leatha gu ’n d’ thugadh i dhomh a nighean r’a pòsadh ’nuair a rachamaid dhachaidh. Chaidh mi stigh air a beulthaobh. Bhuail mi dòrn air gruagach a ghadhair ’s chuir mi ’n t-eanchainn aisde. Chaidh mi féin agus gruagach an eilean dhachaidh, ’s rinneadh banais agus pòsadh eadar mi féin agus a nighean an oidhche sin fein; ach le sgìos a’ ghaisgich, ’s athar na pòit, cha d’ fhuair mise dol a laidhe an oidhche sin. Ma ’s moch a thàinig an latha an la-’r-na-mhàireach, bu mhoiche na sin a dh’ [TD 42] [Vol. 11. No. 6. p. 2] eirich m’ athair céile, a ghlaodhach rium a dhol do ’n bheinn sheilg a dhol a shealg bhroc, uilc, agus shionnach. An àm togail na sithinn agus a leagalach, smaointich mi gu ’n d’ fhàg mi mo bhean féin gun fear faire no coimhead oirre. Chaidh mi dhachaidh mar churaidh ro chalma, ’s fhuair mi mo mhàthair chéile ’caoineadh, ’s thuirt mi rithe, “Dé th’ ort?” “’S mòr a th’ orm; an triùir mhanach an deigh a’ bhean ud a phòs thu féin a thoirt air falbh.” Ghabh mi olc ’sa mhath sid orm féin, ’s ghabh mi lorg na lach air an naoidheamh tràth. Thachair mo long orm, ’s bha i air a tarruinn a seachd fad fhein air fearann tioram, tràighte, far nach dubhadh gaoth agus nach loisgeadh grian, ’s nach deanadh sgoilearan baile mhoir magadh no fochaid oirre. Chuir mi mo dhrìom rithe ’s bha i ro throm, ach smaointich mi gu ’m bu bhàs romham agus na ’m dhéigh e mur am faighinn mo bhean, ’s chuir mi mo spionnadh rithe, ’s chuir mi mach i. Thug mi ’toiseach do mhuir ’s a’ deireadh do thìr, stiùir ’na deireadh, siùil ’na toiseach, ’s beairt ’na buill, aghaidh gach buill ceangailt agus fuasgailt’, a’ deanamh cala agus acarsaid de dh’ eilean mara ’bha sin. Dh’ acraich mi mo long, is ghabh mi suas, ’s dé bha ’sin ach an triùir mhanach a’ cur crann feuch co leis aca bhitheadh i. Sgrìob mi na tri cinn diù; thug mi leam mo bhean, ’s chuir mi ann an deireadh na luing i. Thog mi na tri siùil bhreaca, bhaidealach an aodann nan crann fada, fulangach, fiùghaidh. ’S e bu cheòl dhomh plubarsaich easgann, ’s béiceardaich fhaoileann; a’ bhéisd a bu mhotha ’g itheadh na béisd a bu lugha, ’s a’ bhéisd a bu lugha deanamh mar a dh’ fhaodadh i. An fhaochag chrom, chiar a bha ’n grunnd an aigean, bheireadh i haig air a beul mòr. Ghearradh i cuinnlean coirce romh a toiseach le feobhas an stiùraidh. Cha bu stad ’s cha b’ fhois dhomh, ’s mi ’ga caitheamh, gus an d’ ràinig mi baile-mòr mo mhàthair chéile agus m’ athair céile. Thogadh an ceòl, ’s leagadh am bròn. Bha deochanna mine, misgeach, ’s deochanna garbha ’gan gabhail: ceòl ann an teudan fiodhlach, a’ sior leigheas gach galair, a chuireadh fir ghointe agus mnathan siùbhla ’nan cadal air a mhòr-bhaile an oidhche sin. Le athar na pòit, ’s le sgios a’ ghaisgich, cha do laigh mise an oidhche sin. Ma ’s moch a thàinig an latha an la-’r-na-mhàireach, bu mhoiche na sin a dh’ éirich m’ athair céile a ghlaodhach rium fein a dhol do ’n bheinn sheilg, a dhol a shealg bhroc, is uilc, is shionnach. An àm togail na sithinn is a leagalach, smaointich mi féin gu ’n d’ fhàg mi mo bhean gun fear faire no fear coimhead oirre. Ghabh mi dhachaidh a’m’ churaidh ro chalma, ’s fhuair mi mo mhàthair chéile ’caoineadh. “Dé th’ ort a nochd?” “Is mòr a th’ orm: Macan na Falluinne fliuiche an déigh a’ bhean ud a phòs thu féin a thoirt air falbh.” Ghabh mi a mhath is olc sid orm féin. Ghabh mi lorg an lach air an naoidheamh tràth. Thachair mo long orm. Chuir mi mo dhrìom rithe, ’s bha i ro throm leam. Chuir mi mo dhriom rithe a rithist, ’s chuir mi mach i. Thug mi ’toiseach do mhuir, ’s a deireadh do thìr. Dheanainn stiùir ’na deireadh, siùil ’na toiseach, ’s beart ’na buill, aghaidh gach buill a bh’ innte ceangailt’ agus fuasgailt’, a’ deanadh rogha cala agus acarsaid do Bhaile mòr Macan na Falluinne fliuiche. Tharruinn mi mo long a seachd fad féin air fearann tioram, tràighte, far nach dubhadh gaoth ’s nach loisgeadh grian, ’s nach deanadh sgoilearan baile mhòir culaidh mhagaidh no fochaid di. Dh’ fhàg mi mo luirg ’s mo shleaghan fo thaobh na luinge. Chaidh mi suas, ’s thachair buachaille orm. “Dé do naigheachd an diugh, a bhuachaille?” thuirt mi ris. “Uile chumhachdan an t-saoghail á d’ aghaidh, a bhiasd; am math leat do chrochadh is sian fala mu d’ shùilean. Is mòr ’s is math mo naigheachd: banais agus pòsadh eadar Macan na Falluinne fliuiche ’s nighean gruagach an eilean, ’s nach ’eil mùirne no maird ’san rioghachd nach ’eil cuireadh aca thun na bainnse.” “Nan tugadh tu dhomh an lùireach sin ort, bheirinn duit an còta math so ’th’ orm fein, is pàigheadh math a thuilleadh air sin.” “Uile chumhachdan an t-saoghail á d’ aghaidh, a bhiasd; am math leat do chrochadh is sian fala mu d’ shùilean; cha ’n e sin aighear agus ioghnadh a th’ agam féin r’a ghabhail aisde mu ’n eirich grian air athar am màireach.” Bhuail mi buille de m’ dhorn air an clàr an aodainn ’s chuir mi ’n t-eanchainn ’na chùibeanan teine trìd chùl a chinn. Chuir mi orm an lùireach, ’s ghabh mi suas, ’s bha na daoine an deigh cruinneachadh thun na bainnse. Smaointich mi gu ’n robh e fortanach dhomh am faotainn cruinn. Ghabh mi na ’m measg mar sheobhaig romh ealt, no mar ghobhair ri creig, no mar chù mor ann an latha fuar Earraich a’ dol romh threud chaorach. Sin mar a dheanainn buidhnichean beaga de bhuidhnichean mòra—caisteil chròdha chluinnt’ an ceithir àirdean an athair—slachdarsaich lann a’ gearradh nan sgiath sonnalach—gus nach d’ fhàg mi fear innsidh sgeoil no chumadh tuairisgeul, mar am biodh fear air leith-chois ’s fear air leith-laimh, ’s ged a bhiodh deich teangannan ’nan ceann ’s ann ag innseadh an uilc fein is uilc chàich a bhitheadh iad. Thug mi leam mo bhean féin, ’s chuir mi ann an deireadh na luing i. Thug mi ’toiseach do mhuir ’s a deireadh do thìr. Dheanainn siùil ’na toiseach, stiùir ’na deireadh. Thog mi na tri siùil bhreaca, bhaidealach an aodann nan crann fada, fulannach, fiughaidh. ’S e bu cheòl dhomh plubarsaich easgann, ’s béiceardaich fhaoileann; a bhéisd a bu mhotha ’g itheadh na béisd a bu lugha, ’s a’ bhéisd a bu lugha ’deanadh mar a dh’ fhaodadh i. An fhaochag chrom, chiar a bha ’n grunnd an aigean bheireadh i haig air a beul mòr. Ghearradh i cuinnlean caol coirce le feobhas an stiùraidh. Thill sinn gu baile mòr m’ athair céile. Thogadh an ceòl ’s leagadh am bròn. Bha deochanna mine, misgeach, is deochanna garbha ’g an gabhail; ceòl air teudan, a’ sior leigheas gach seorsa galair, a chuireadh fir ghointe agus mnathan siubhla ’nan cadal air a’ mhòr-bhaile an oidhche sin. Le sgios a ghaisgich, agus le athar na pòit, cha do laidh mise an oidhche sin. Ma ’s moch a thàinig an latha an la-’r-na-mhàireach, bu mhoiche na sin a dh’ eirich m’ athair céile a ghlaodhach rium a dhol do ’n bheinn sheilg, a dhol a shealg bhroc, is uilc, is shionnach. An àm togail na sithinn is a leagalach, smaointich mi gu ’n d’ fhàg mi mo bhean féin gun fhear faire no fhear coimhead oirre. Dh’ fhalbh mi dhachaidh mar churaidh ro chalma, ’s fhuair mi mo mhàthair chéile ’caoineadh. “Dé th’ ort?” “’S mòr sin: Macan mòr mac rìgh na Sorcha an déigh a’ bhean ud a phòs thu féin a thoirt air falbh.” Is e bu mhiosa leam aca. Ghabhtar a mhath is olc sid orm féin. Ghabh mi lorg an lach air an naoidheamh tràth. Thachair mo long orm. Chuir mi mo dhrìom rithe, ’s bha i ro throm leam. Chuir mi mo dhriom rithe a rithist, ’s chuir mi mach i. Thug mi ’toiseach do mhuir ’s a deireadh do thìr. Dheanainn stiùir ’na deireadh, siùil ’na toiseach, ’s beairt na buill, aghaidh gach buill a bh’ innte fuasgailt’ agus ceangailte, a’ deanamh rogha cala agus acarsaid do bhaile-mòr Macan mòr rìgh na Sorcha. Tharruinn mi mo long a seachd fad féin o thràigh air fearann tioram, far nach dubhadh gaoth, ’s nach loisgeadh grian, ’s nach deanadh sgoilearan baile-mhòir culaidh-bhùird no mhagaidh no fhochaid di. Ghabh mi suas is thachair bleidire orm. “Dé do naigheachd an diugh, a bhleidire?” “Cumhachdan an t-saoghail á d’ aghaidh; am math leat do chrochadh is sian fala mu d’ shùilean? Is mòr agus is math mo naigheachd: banais agus pòsadh eadar Macan mòr rìgh na Sorcha agus nighean gruagach an eilean, ’s nach ’eil mùirne na mairde ’san tìr nach ’eil air an cuireadh thun na bainnse.” “Na ’n tugadh tu féin dhomh do lùireach, bheirinn dhuit paigheadh math, agus an còta math so th’ orm air a son?” “Cumhachdan an t-saoghail á d’ aghaidh, a bhiasd; am math leat do chrochadh agus sian fala mu d’ shùilean? cha ’n e sin aighear agus ioghnadh a th’ agam féin r’a ghabhail aisde mu ’n eirich grian air athar am màireach.” Bhuail mi buille de m’ dhòrn air an clàr an aodainn, ’s chuir mi ’n t-eanchainn ’na chùibeanan teine trìd chùl a chinn. Bha fhios aig bean na bainnse air alteigin gu ’m bithinn ann, ’s dh’ iarr i na bleidirean a riarachadh an toiseach. Shuidh mi féin am meadhon nam bleidirean, ’s a h-uile fear a theannadh ri mìr a thoirt uam bheirinn bruthadh dha eadar mo làmh ’s mo thaobh, ’s dh’ fhàgainn an sid e, ’s cheapainn am biadh leis an darna làmh ’s an deoch leis an làimh eile. Thuirt cuideigin nach robh am bleidire mòr a leigeil mìr an ceann nam bleidirean eile. Thuirt bean na bainnse iadsan a bhi math do na bleidirean, ’s gu ’m biodh iad féin réidh air a’ cheann mu dheireadh. Nuair a fhuair na bleidirean air fad an leòir dh’ fhalbh iad, ach laidh mi féin far an robh mi. Thuirt cuideigin gu ’n robh am bleidire mor an deigh laidhe air an daoraich, ’s thuirt fear na bainnse a’ bhiasd a thilgeil a mach air cùl cnoic no ’n sgàth gàraidh gus an traoghadh e na bha ’na bhroinn. Thàinig cóig deug de na daoine ’nuas, ’s thug iad làmh air mi féin a thogail. Air do dha làimh, a Mhurchaidh, gu ’m b’ fhasa dhaibh Càrn a Choilnnich an Eirinn a chur á bhonn na mise ’thogail o ’n talamh. Thàinig a h-aon de na daoine bu ghlice na chéile nuas, (bha ball seirc orm, ’s cha robh duine chunnaic riamh mi nach aithnichidh a rithist mi) ’s thog e ’n currachd, ’s dh’ aithnich e co ’bh’ ann. “Gu ’n cuidicheadh am fortan leibh an so a nochd! Tha ’n so Dìreach Ghleann féite Macallain, am feamanach gun iochd, gun tròcair, gun eagal Ni Math, no duine, mur an deanadh e do Mhurchadh Mac Brian e.” Nuair a chuala mi féin sid dh’ éirich mi dhol ann am threallaichean cath agus còmhraig. Chuir mi orm mo léine sheuntaidh, sheumh, de ’n t-sròl ’s de ’n t-sìoda shleamhainn, bhuidhe sìnte ri m’ chraicionn—mo chòta caomh cotain air uachdar a chaomh bhroitinn—mo sgiath bhucaideach, bhacaideach, bharra-chaol air mo thaobh cli—mo shlachdanta cruaidh curaidh ann am laimh dheis—m’ iuchair sginnichdinn chaol air mo chrios—mo chlogada cruadhach mu m’ cheann a dhìon mo mhaise mhullaich, a dhol an toiseach na h-iorghuill ’s an iorghuill a’ dol ’na deireadh. Chuir mi orm mo lùireach thorantach, shìth thorantach, chorra-ghleusda, gun fhòtas, no gun os, ghormghlas, ghormghlan, leudar, leòthar, Lochlannach, fhada, aotrom, inntinneach; ’s cha d’ fhàg mi fear innsidh sgeoil no chumadh tuairisgeul, mar am biodh fear air leith-chos ann, ’s fear air leith-laimh, ’s ged a bhiodh deich teangannan ’nan ceann, ’s ann ag innseadh an uilc féin is uilc chàich a bhitheadh iad. Thug mi leam mo bhean ’s chuir mi ’san luing i. Thog mi na tri siùil bhreaca, bhaidealach an aodann nan crann fada, fulangach, fiùghaidh. ’S e bu cheòl dhomh plubarsaich easgann ’s béiceardaich fhaoileann; a bhéisd a bu mhotha ag itheadh na béisd a bu lugha, ’s a bhéisd a bu [TD 43] [Vol. 11. No. 6. p. 3] lugha ’deanadh mar a dh’ fhaodadh i. An fhaochag chrom, chiar a bha ’n grunnd an aigean bheireadh i haig air a beul mòr. Ghearradh i cuinnlean caol coirce romh a toiseach le feobhas an stiùraidh. Cha bu stad ’s cha b’ fhois dhomh, ’s mi ’ga caitheamh, gus an d’ ràinig mi baile-mòr m’ athair céile. Sin agad a’ chiad oidhche a fhuair mise cadal le m’ bhean, a Mhurchaidh, ’s am b’ iongantach ged nach bu mhath leam duine sam bith a bhith ’g amharc oirre.” “Gu dearbh cha b’ iongantach,” arsa Murchadh. Chaidh Murchadh an oidhche sin a laidhe, ’s fhuair e e-féin an la-’r-na-mhàireach ann an tùr Chinn a’ Choire ann an Eirinn, far an robh athair agus a sheanair; ’s am fiadh, ’s an gadhar, is athair, ’s a’ bhràthair a stigh air thoiseach air.—Sgeulachd. SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. VIII. CHA b’ urrainn a mhathair dad a chur an aghaidh na dh’ iarr a mac oirre dheanamh. Ach bha i ’smaointean gu ’m faodadh gu ’n deanadh an cruisgean nithean moran na b’ iongantaiche dhaibh na bhith ’cumail beidh riutha. Thug na smaointean so riarachadh do ’n inntinn aice, agus aig a’ cheart am thug iad air falbh na duiligheadasan a dh’ fhaodadh bacadh a chur oirre o ghabhail os laimh a dhol a dh’ iarraidh nighean an righ dh’ a mac. Thug Aladin an aire gu ’n robh na smaointean so ag eirigh suas ann an inntinn a mhathar, agus thuirt e rithe: “Os cionn nan uile nithean, a mhathair, bithibh cinnteach gu ’n cum sibh an cleith mu dheidhinn a chrùisgein, oir is ann air a so a tha soirbheachadh a’ ghnothaich a th’ againn ri dheanamh an crochadh.” ’Na dheigh so chaidh Aladin agus a mhathair a laidhe. Ach eadar mar a bha Aladin air a lionadh leis a’ ghaol a bh’ aige air nighean an righ, agus am fortan gun choimeas ris an robh duil aige, a’ tighinn fo ’smaointean gun fhois fad na h-oidhche, cha d’ fhuair e fois cho math ’s bu mhath leis. Dh’ eirich e ann an glasadh an latha, agus chaidh e anns a’ mhionaid a dhusgadh a mhathar. Dh’ iarr e oirre i-fhein fhaotainn deiseil gun dail gus a dhol do luchairt an righ, a chum gu ’m faigheadh i steach an toiseach, an uair a bhiodh an t-ard-chomhairleach, na comhairlich eile, agus oifigich eile na cuirte ’dol a ghabhail an aite suidhe, agus an righ mar an ceudna ’g an leantuinn. Rinn mathair Aladin mar a dh’iarr a mac oirre. Cheangail i a’ mhias anns an robh na seudan ann an da neapaiginn—fear dhiubh na bu ghrinne na ’m fear eile—ceangailte air an ceithir oisinnean, a chum gu ’m biodh a’ mhias na b’ fhusa ri ’giulan, agus dh’ fhalbh i gu ruige luchairt an righ; agus bha Aladin gle thoilichte. An uair a rainig i na geatachan, bha ’n t-ard-chomhairleach agus uile mhaithean eile na cuirte air a dhol a steach. Agus a dh’ aindeoin an t-sluaigh lionmhoir a bha lathair, fhuair i steach do thalla na comhairle. Sheas i direach mu choinneamh an righ agus nan comhairleach, agus nan ard-mhaithean a bha air lamh dheas agus chli an righ. Thugadh caochladh chuisean air beulaobh na comhairle a reir an orduigh anns an robh iad air an cuir sios. Thugadh breith air aon an deigh aon dhiubh gus an d’ thainig an t-am do ’n chomhairle sgaoileadh. An sin dh’ eirich an righ ’na sheasamh, agus an uair a chuir e a’ chomhairle mar sgaoil, thill e d’a sheomar fhein, agus an t-ard-chomhairleach ’g a leantuinn. Thill na comhairlich eile, agus na h-oifigich, agus na h-uile aig an robh cuisean ri ’n tagradh, am mach as an talla. Bha cuid riaraichte leis a’ bhreith a thugadh am mach, agus bha cuid nach robh. An uair a chunnaic mathair Aladin an righ a’ dol d’ a sheomar fhein, agus an sluagh gu leir a’ falbh, thuig i anns a’ mhionaid nach tilleadh e air ais an latha sin tuilleadh, agus shuidhich i gu ’n tilleadh i dhachaidh. An uair a chunnaic Aladin a mhathair a’ tilleadh, agus an tiodhlac a bha i gus a thairgse do ’n righ aice ’na laimh, cha robh fhios aige an toiseach ciod a smaoinicheadh e mu dheidhinn na cuise. Agus leis an eagal a bh’ air gu ’n robh droch naigheachd aice, cha robh de mhisnich aige na chuireadh ceisd sam bith oirre gus an do labhair i ris. O nach robh i riamh roimhe ann an luchairt an righ, cha robh fhios aice ciod a bha ’tachairt a h-uile latha. Thog i eallach trom bhar na h-inntinn aige an uair a thuirt i ris gu simplidh, socharach: “A mhic, chunnaic mi an righ, agus tha mi lan-chinnteach gu ’m fac’ esan mise mar an ceudna; oir sheas mi direach m’ a choinneamh, agus cha robh dad ann a chumadh e gun mise fhaicinn. Ach bha ’aire cho mor air a togail leis na bha ’n fheadhainn a bh’ air gach taobh dheth ag radh ’s gu ’m bheil truas agam ris, agus ghabh mi ioghnadh gu ’n eisdeadh e riutha cho foighidneach. Mu dheireadh dh’ fhas e sgith, agus ghrad dh’ eirich e ’na sheasamh, agus cha ’n eisdeadh e ri aon fhacal dhe na bha aig moran dhe na bha lathair ri radh ris, ach dh’fhalbh e. Bha mi gle thoilichte, oir bha m’ fhoighidinn a’ ruith am mach gu mor, agus bha mi seachd sgith ’nam sheasamh fad na h-uine. Ach cha ’n ’eil cron sam bith deante; theid mi ann am maireach a rithist. Is docha nach bi an righ cho trang.” Ged a bha Aladin ann an droch staid leis na bha de ghaol aig’ air nighean an righ, b’ fheudar dha gabhail ris an leithsgeul a thug a mhathair dha, agus a mhisneach a chumail suas mar a b’ fhearr a b’ urrainn e. Air a’ chuid bu lugha, bha de thoileachadh aige gu ’n d’ fhuair a mhathair seachad air an duiligheadas bu mho a bha gu tachairt rithe, an uair a fhuair i ’dhol a steach an lathair an righ; agus bha dochas aige gu ’n ionnsaicheadh i o na chitheadh ’s na chluinneadh i, cia mar bu choir dhi a gnothach a dheanamh an uair a gheibheadh i cothrom freagarrach air bruidhinn ris an righ. Air an ath mhadainn chaidh i ’cheart cho trath do luchairt an righ ’s a rinn i roimhe. Ach an uair a rainig i talla na comhairle agus a chunnaic i na geatachan duinte, thuig i nach robh a’ chomhairle ’na suidhe ach gach dalacha latha, agus mar sin gu ’m feumadh i dhol do ’n luchairt air an ath latha. Thug i am fios so gu Aladin, agus cha robh aige ach feuchainn ri bhith cho foighidneach ’s a b’ urrainn e. ’N a dheigh sid chaidh i sia latha do thalla na comhairle, agus sheas i direach mu choinneamh an righ, ach cha robh dad aice air son a saoithreach. Is docha gu ’m faodadh i bhith air a dhol ann mile uair gun dad air a shon mur b’ e gu ’n do ghabh an righ fhein beachd sonraicht’ oirre. Tha ’chuis gle choltach gur e iadsan aig an robh iarrtus sonraichte ri ’chur fa chomhair an righ a chaidh a bhruidhiun; agus cha b’ ann diubh so mathair Aladin. Air an latha mu dheireadh a bha i ann an talla na comhairle, thuirt an righ ris an ard-chomhairleach, an deigh dhaibh a dhol do sheomar an righ: “Thug mi ’n aire do bhoirionnach araidh a tha ’tighinn a h-uile latha o chionn uine do ’n chomhairle, agus rudeiginn aice paisgte ann an neapaiginn. Tha i ’n comhnuidh ’na seasamh fad na h-uine mu m’ choinneamh agus i mar gu ’m biodh i toileach gu ’n tugainn an aire dhi. Am boeil fhios agad ciod a tha i ’g iarraidh?” “Mo thighearna,” fhreagair an t-ard-chomhairleach, agus gun fhios aige ciod a bha i ’g iarraidh na ’s mo na bh’ aig an righ fhein, ged nach robh e toileach so a leigeadh ris do ’n righ; “biodh fhios aig bhur morachd gu ’m bheil mnathan a’ tighinn gle thric a ghearain air son rudan gle shuarach. Is docha gu ’n d’ thainig a’ bhean so a ghearain ri bhur morachd gu ’n do reic neach eiginn droch mhin rithe, no gu ’m bheil rud beag suarach eile aice ri thoirt ann bhur lathair.” Cha robh an righ riaraichte leis an fhreagairt so, agus thuirt e: “Ma thig a’ bhean so do ’n chomhairle air an ath latha, na dean dearmad air a toirt ’nam lathair-sa, a chum gu ’n cluinn mi ciod a th’ aice ri radh.” Aig a’ cheart am bha mathair Aladin air fas cho eolach air a dhol do ’n chomhairle, agus seasamh mu choinneamh an righ ’s nach robh e ’na dhragh sam bith leatha, na ’n rachadh aice air a dhearbhadh dh’ a mac gu ’n robh i ’deanamh gach ni ’na comas a chum a thoileachadh. Mar so, chaidh i do ’n chomhairle an ath latha, agus sheas i direach mu choinneamh an righ mar a b’ abhaist dhi. Mu ’n d’ innis an t-ard-chomhairleach an t-ordugh anns an robh obair an latha ri dheanamh, thug an righ an aire dhi, agus o ’n a bha truas aige rithe a chionn a bhith ’feitheamh cho fada, thuirt e ris an ard-chomhairleach, “Mu ’n toisich thu ri obair sam bith, cuimhnich air a’ mhnaoi mu ’n do labhair mi riut; abair rithe tighinn dluth dhomh; agus cluinneamaid ciod a th’ aice ri radh, agus cuireamaid a gnothach an darna taobh an toiseach.” Anns a’ mhionaid ghairm an t-ard-chomhairleach air an ard-oifigeach, a bha ’na sheasamh deas gus umhlachd a thoirt d’a aithne: agus an uair a chomharraich e ’bhean am mach dha, thuirt e ris iarraidh oirre tighinn an lathair an righ. Chaidh an t-ard-oifigeach far an robh mathair Aladin agus dh’ iarr e oirre a leantuinn gu bonn na righ-chathrach far an d’ thug e i, agus thill e do ’n aite ’s an robh e roimhe. Thug mathair Aladin umhlachd do ’n righ mar a chunnaic i moran eile ’deanamh. Chuir i a ceann air an lar-bhrat aig bonn na righ-chathrach, agus cha do thog i e gus an d’ iarr an righ oirre. An uair a dh’ eirich i ’na seasamh, thuirt an righ rithe: “A bhean mhath, thug mi ’n aire gu ’n robh thu iomadh latha ’n ad sheasamh an so fhad ’s a bha ’chomhairle ’na suidhe; ciod e an gnothach a tha ’g ad thoirt an so?” An uair a chuala mathair Aladin na briathran so, leig i i-fhein ’na sineadh an dara uair air beulaobh an righ; agus an uair a dh’ eirich i ’na seasamh, thuirt i: “A righ nan righrean, mu ’n innis mi do bhur morachd an gnothach neo-chumanta, agus, cha mhor nach abair mi, do-chreidsinn, a thug gu bonn na righ-chathrach mi, tha mi ’guidhe oirbh gu ’n toir sibh mathanas dhomh air son iarrtus cho dana agus cho mi-iomchuidh a chur ’n ’ur lathair. Tha e cho neo-chumanta ’s gu ’m bheil crith agus nair’ orm ann a bhith ’g a chur an lathair mo righ.” A chum am barrachd saorsa ’thoirt dhi gus a h-inntinn a leigeadh ris gu soilleir, dh’ ordaich an righ do na h-uile ’bh’ anns a’ chomhairle a dhol am mach ach an t-ard-chomhairleach; agus an (Air a leantuinn air taobh 46.) [TD 44] [Vol. 11. No. 6. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, SEPTEMBER 19, 1902. An Righ anns a’ Ghaidhealtachd. AN deigh a chrùnaidh, air an naodhamh latha de dh’ Ogust, dh’ fhalbh Rìgh Iomhar air bòrd birlinn, a ghabhail cuairt air son a shlàinte. B’ e ’n taobh air an d’ thug e aghaidh Eileanan na Gàidhealtachd. Cha robh e anns a’ chearna sin de ’n ìmpireachd riamh roimhe, agus cha mhò a bha Bhictoria, a mhàthair, ged bu mheasail air a Ghàidhealtachd agus air na Gàidheil i. Cha deach an righ air tir am moran àiteachan a bharrachd air Colosa is Steòrnabhagh, ach dh’ acraich a’ bhirlinn an caochladh phort—ann am Muile, aig Baile-chaolais, aig Dun-Uilleim, agus ann an Loch Uige ’san Eilean Sgiathanach. Bha fàilte chridheil air a chur air anns gach àite ’san d’ fhuair an sluagh cothrom, agus bha e ri fhaicinn gu robh cridheachan nan Gàidheal a’ blàthachadh ris mar nach d’ rinn iad riamh roimhe, agus mar nach deanadh iad mur robh e air an turus so a thobhairt d’ an eileanan féin. Ma tha sluagh ’sna tri rioghachdan air am bu chòir do ’n teaghlach rioghail eòlas a chur, is iad sin Gàidheil nan Eileanan. Anns an àm a dh’ fhalbh, agus eadhon gu ruige an t-àm a tha làthair, dh’ fhuiling iad iomadh ana-ceartas is di-meas aig lamhan nan uachdaran agus an riaghlaidh, ach a dh’ aindeoin sin dh’ fhan iad dìleas do ’n chrùn, agus cha robh saighdearan fo bhrataich Bhreatuinn a b’ fhearr ’s bu ghaisgeile ghiùlaineadh iad féin a’ cogadh as a leth. Tha e air aithris gu ’n do chòrd a chuairt ris an righ gu math, agus gu bheil e ro-choltach nach i so a chuairt mu dheireadh do na h-Eileanan. Tha an cunntas gearr a leanas air a thaghal an Colosa air a thoirt á aon de phaipearan an Obain: “’Nuair a chuala muinntir Cholasa, a sheachduin gus an Di-ciaduin so chaidh, gu’n robh fiughair ris an Righ do ’n eilean an la-’r-na-mhàireach, bha othail nach bu bheag ’n am measg. Cha robh iongantas ann. Thaghail aon no dhà de ’n teaghlach rìoghail air Tighearna Cholasa, Sir Iain C. Mac Neill, V. C., uair is uair, o chionn beagan bhliadhnachan. ’S an àm a dh’ fhalbh sheòl cuid d’ ar rìghrean, Raibeart Brus, Seumas IV., Seumas V., is Uilleam IV., seachad air na cladaichean uaigneach so. Ach cha ’n ’eil eachdraidh ag innseadh gu ’n robh aon diubh riamh air tìr. Cha ’n fhaca ’mhor-chuid de na Colasaich righ no bàn-righ riamh, agus cha b’ ioghnadh ged a bhiodh moit orra gu ’n robh an Rìgh a nis a’ tighinn air thurus do ’n eilean iomallach, ni nach do thachair riamh roimhe. Rinn gach aon na b’ urrainn da air son fàilte chubhaidh chur air a’ mhòrachd. Chiteadh bratach air gach tigh is tulach an Sgalasaig, agus bha bogha de bhrataichean a dh’ iomadh dath is dealbh sìnte tarsuinn air ceann ceatha eireachdail an eilein. Cha robh fios cinnteach c’uin a bhiodh fiughair ris an luing ’san acarsaid, ach chruinnich an sluagh moch Diordaoin, ged a bha dortadh uisge ann, a h-uile fear is té ’nan aodach caol, ’s an sùil air beul Chaol Ile. Mu sheachd uairean thainig a’ bhirlinn rioghail ’s an luingeas chogaidh a bha ’na cuideachd. Bha am feasgar sèimh ach fliuch, ’s cha robh e coltach gu ’n tigeadh an Rìgh air tir. ’Nuair thainig an dorcha bha an luingeas ’san acarsaid ’s gach uinneag air tir làn soluis. Cha robh deò á adhar, agus bha an sealladh air muir ’s air tìr ro thaitneach. Moch Di-haoine thainig fios gu ’m biodh an Rìgh air tir mu aon-uair-deug. Bha an latha a b’ àille ann. Cha robh neul ’s an speur. Bha grian nan Iuchar ’na làn neart, le aiteal fionnar o’n iar-thuath a’ meathachadh an teas. Choinnich seachd no ochd de na h-eileinich a’ chuideachd rioghail air ceann a’ cheatha. Thug Tighearna Cholasa fear mu seach dhiubh so an làthair an Righ ’s na Bàn-righ. Chuir am mòrachd fàilte orra, a’ breith air laimh air gach aon diubh. Thug e toileachadh mor do’n t-sluagh a bhi faicinn cho foghainteach ’s a bha an Rìgh ag amharc, an déigh na thàinig e roimhe, ’s cho làidir, lùthmhor ’sa bha cheum, a’ coiseachd suas an ceatha gus na carbadan a bha a’ feitheamh orra. Thog a’ chuideachd rioghail orra gu Tigh-mor Chill-Orain, aitreabh an uachdarain, cuid an carbadan ’s cuid air cycles, am measg iolach is gàìr an t-sluaigh. Chluinnteadh an Gàidhlig ’s am Beurla o bheul gach aoin—“Fàilte do ’n Righ,” “Slàinte do ’n Righ ’s do ’n Bhàn-righ,” “Gu ma buan an Righ.” Chruinnich an sluagh air a àilean, air beulaobh an Tigh-òsda, ’s dh’ òl iad “Slàinte an Righ, na Bàn-righ, ’s ant eaghlaich rioghail” le caithream, a’ guidhe gu’m biodh turus am mòrachd do ’n eilean ’na thoilinntinn dhaibh, agus a chum feum do shlàinte an Righ. Mu dha uair bha a’ chuideachd rioghail air an ais, agus chiteadh air gnùis gach aoin diubh gu ’n do chaith iad an latha gu toilichte ’s gu ’n do chòrd gach ni a chunnaic ’s a chuala iad riu gu ro mhaith. Chruinnich an sluagh a ris air a’ cheatha, ’s chuir iad, le iolach ’s le gàir, soraidh chridheil an deigh an Righ, na Bàn-righ, na bana-phrionnsa Victoria, ’s nan uaislean a bha ’n an cuideachd. Mu ’n do sgaoil iad nochd iad an spéis do Thighearna an eilein, a tha cho measail ’s a’ chùirt ’s gu ’n do chuir an Rìgh a dh’ urram air gu ’n d’ thainig e g’a fhaicinn ’na dhachaidh sa’ Ghàidhealtachd. Bidh an Di-haoine mu dheireadh de dh’ Ogust, 1902, ’na latha dha féin am feasd an eachdraidh Cholasa. Cha leig aon a bha làthair, sean no òg, as a chuimhne e, fhad ’s is beò e.” Iarrtusan nam Boerach. BHA coinneamh aig Chamberlain o chionn ghoirid ris na Seanalairean Boerach. Bha iadsan ag iarraidh leasachadh a dheanamh air na cumhachan-sìthe a rinneadh riutha aig crioch a’ chogaidh, agus dh’ aontaich esan éisdeachd a thoirt dhaibh. Rinn e sin, agus cha bu ghann an iarrtusan. Na ’m b’ i Breatunn bu choireach ris a’ chogadh air tùs, agus na ’m b’ i a chailleadh ’sa bhiodh a’ guidhe air son sìthe, cha b’ urrainn dhi barrachd a thairgsinn do na Boerich air na bha iadsan ag iarraidh. Cha d’ fhuair iad gealladh sam bith gu ’m biodh atharrachadh air a dheanamh anns na cumhachan sìthe. Thugadh a cheana dhaibh cumhachan a b’ fhàbharraiche na fhuair sluagh cìsnichte riamh roimhe, agus feumaidh iad a bhi riaraichte leis. Faodaidh e bhith gu bheil Breatunn fialaidh, agus gu ’n déilig i na ’s fhearr na ni rioghachd sam bith eile ri ’cuid naimhdean, ach cha ’n ’eil iadsan glic a dh’ fheuchas ri brath a ghabhail oirre. MONT PELEE A RITHIST—Tha Mont Pelee, an eilean Mhartinique, air bristeadh mach a rithist; o mheadhon Ogust tha i ’brùchdadh ’s a spùtadh suas teine ’s làbha. Air an deicheamh latha fichead de dh’ Ogust, agus a rithist air an treas latha dhe ’n mhios so, bha spraidheadh uamhasach innte, agus bha na ceudan sluaigh air an cur gu bàs. ’S e ’n ni bu mhuladaiche mu ’n chùis so uile nach robh an sluagh ach air tilleadh gu ’n dachaidhean seachduin no dha mu ’n d’ thàinig an sgrios ùr a chuir crioch orra. Tha daoine a nise dhe ’n bharail gu bheil an dàn do ’n eilean a bhi air a mhilleadh gu h-iomlan, agus gu ’m feumar fhàsachadh gu buileach. TUILLEADH MU ’N BHRIC—Thàinig soitheach a stigh do Bhaile-Shearlot, E.P.I., toiseach na seachduin so, agus dithis dhe na bha air bòrd tinn leis a’ bhric. Bha an soitheach air tighinn á Portugal.—Tha am fear a bha tinn leis an euslaint so ann an Sidni a’ dol am feobhas. Tha “Alasdair” a’ cur sios oirnne air-son sinn a ràdh gu ’m b’ ann am Port Hawkesbury a fhuair am fear so a’ bhreac. Cha ’n eil againn ri ràdh ri sin ach nach robh sinn ag innse na naigheachd ach mar thugadh dhuinn i ’s mar bha i anns na paipearan eile. Cha ’n eil toil sam bith againn a bhi ’g innse naigheachdan nach eil fior, ach ma ’s e ’s gu’n tachair dhuinn a dheanamh ’s ann gun fhios duinn. “An ni nach cluinn MAC-TALLA an diugh, cha ’n aithris e am màireach.” BAS AONGHAIS CHAMARAIN—Feasgar Dior-daoin, air an t-seachduin s’a chaidh, bha Aonghas Camaran air a mharbhadh leis an trein far am bheil an rathad-iaruinn a dol tarsuinn air Rathad an Righ aig àite Sheumais Mhic-Coinnich. Bha Mr Camaran a coiseachd, air a thurus gu ’dhachaidh, a tha mu thri mìle o ’n bhaile, beagan an deigh do ’n oidhche dorchadh. Rinn sgioba na trein gach faiceall is àbhaist a chleachdadh a tighinn dh’ ionnsuidh an rathaid, ach cha ’n fhaca fear na h-inneil gu ’n robh duine roimhe gus an robh e tuilleadh is anmoch. Bha Mr Camaran air aon sùil, agus car bodhar, agus tha e ro choltach nach fhaca ’s nach cual’ e an trein a tighinn gus ’n do bhuaileadh e. Bha aon de ’chasan air a brisdeadh, agus a làmh ’s a cheann air an gearradh, ach b’ e ’n goirteachadh a fhuair na ’chom a dh’ aobharaich a bhàs. Bha e beò mu uair an deigh do ’n sgiorradh tachairt dha, ach cha robh aithne no cainnt aige. Bha e air a thiodhlacadh ann an Sidni la na Sàbaid, agus b’ e ’n tòrradh aon cho mòr ’s a chunnacas riamh ’sa bhaile. Bha e na ’dhuine air an robh meas agus cliù aig na h-uile. Bha e da fhichead is da bhliadhna dh’ aois, agus gun phòsadh. Dh’ fhàg e dithis pheathraichean is aon bhràthair, Domhnull Camaran, am fear-lagha. Bha an t-àite ’san deach a mharbhadh na àite anabarrach cunnartach; agus bha luchd-riaghlaidh an rathaid-iaruinn o chionn àireamh mhios a’ gealltainn geatachan is fear-faire chur ann, ach cha deach a dheanamh. [TD 45] [Vol. 11. No. 6. p. 5] (Air a leantuinn o thaobh 46). eagal orm, ach cha do lean moran d’ a chuid daoine e. A fagail Dhunbheagain shéid Domhnull Bàn a suas a “Chumha fein.” Cha till, cha till, cha till MacCruimein, An cogadh no sith cha till e tuillidh, Le airgiod no ni cha till MacCruimein, Ged thilleas MacLeoid cha bheo MacCruimein. Piobaireachd cho binn agus cho ainmeil ’s a tha nis air mhaireann. A leigeil fhaicinn a mheas a bh’ air a Phiobaire so tha e air innseadh nuair a choisinn taobh Thearlaich air Cloinn ’ic Leoid ann an Siorramachd Obaraidhean agus a ghlac iad MacCruimein gu ’n do dhiult piobairean Thearlaich cluich air an ath mhaduinn mar bu ghnath gus an rachadh MacCruimein a chur fa sgaoil. Goirid an deidh so thuit am Piobaire ainmeil so le urchair thubaisteach ann an ruaig Mhaigh (Moy) nuair chuir coig no sea le tapachd agus seoltachd an teicheadh air na ciadan. Chaochail am Piobaire mu dheireadh de ’n dream so a bha anns an Eilean Sgiathanach ’s a bhliadhna 1822, nuair bha e 91 a dh’ aois. Is iad an ath dhream a bu mhath leam ainmeachadh Clann Artair, bu Phiobairean do Dhomhnullaich nan Eileanan. ’Se am fear is ainmeile dhiubh Tearlach, a bha re aona bliadhna deug ag ionnsachadh aig Paruig òg Mac Cruimein. Nuair thug esan MacArtair air ais gu Mugstadt thachair gu an robh Iain Dall MacAoidh, Piobaire Ghearloch, an sin, agus smaointich Sir Alasdair Domhnullach gu ’m bu mhath an cothrom so air ionnsachadh Mhic Artair a dhearbhadh. Dh’ innis e do Mhac Aoidh gu ’n robh gille og aige an so air ùr thilleadh o bhi ag ionnsachadh na Piobaireachd agus gu ’m bu mhath leis a bharailsan fhaotuinn air. Dh’ fharaid Mac Aoidh co aige ’bha e ’g ionnsachadh, agus thuirt e gu ’n robh aig Paruig Og MacCruimein. “Cha b’ urrainn na b’ fhearr,” thuirt MacAoidh. An deidh do Mhac Artair cluich thug e moran cliù air, agus an sin thuirt Sir Alasdair ris gu ’n robh Piobaire eile aige an so agus gu ’m bu math leis a bharail fhaotuinn airsan mar an ceudna, dh’ fheuch co fear a b’ fhearr dha thaghadh. Thuirt Mac Aoidh gu ’m feumadh e bhi fior mhath nan tugadh e bàrr air a cheud fhear. An deidh do ’n dara Piobaire cluich thuirt Mac Aoidh, “Gu dearbh cha ruigeadh sibh leas m’ fheuchainn air an doigh so: ge d’ chaill mi fradharc mo shùl cha do chaill mi mo thuigse; ge d’ bhitheadh gach Piobaire ann an Albainn cruinn dheanainn am fear so mach nam measg uile.” “Tha thu ’cur ioghnaidh orm. Co e?” “Co eile ach Pàruig Og Mac-Cruimein e fein;” agus a tionndadh ris-san—“dh’ aithnichean do mheur am measg mìle.” Chuir iad seachad oidhche chridheil comhladh, agus thuirt Sir Alasdair gu ’n robh na tri Piobairean a b’ fhearr am Breatunn aige na thaigh. Thainig am fear mu dheireadh de’n dream so do Dhuneideann, agus mu ’n do chaochail e bha e na Phiobaire aig Comunn na h-Alba. Bha cliù ro ard air mar Phiobaire agus bha moran a dol a dh’ fhaotuinn ionnsachaidh uaithe. (Ri leantuinn.) Naigheachdan Gaidhealach. NA COMUINN GHAIDHEALACH.—Tha na Comuinn so a nis lionmhor anns na bailtean mòra agus tha iad aig an àm so a cur an òrdugh airson obair a’ Gheamhraidh. Tha sinn an dòchus gu ’m buin iad ri ceisdean ’s ri cùisean a tha co-cheangailte ri cor na Gàidhealtachd, agus soirbheachadh nan Gàidheal. Tha mòran cheisdean co-cheangailte ri eachdraidh na Gàidhealtachd agus nam Fineachan Gàidhealach gu bhi air an rannsachadh agus air an cur air bonn cothromach, agus co ach Clanna nan Gàidheal a tha murach air so a dheanamh gu ceart, pongail. Tha cuid de Chomuinn ann, agus cha’n aithnicheadh neach gu’n robh iad co-cheangailte ris a’ Ghàidhealtachd mur a bhi an ainm, agus na’n robh thu a làthair ’nuair a tha ’n Comunn cruinn cha shaoileadh to gu’n robh fear a sin a rinn e féin a gharadh aig teine mòna, no shaltair riamh air fraoch nam beann. Cha ’n ann mar sin a bu chòir cùisean a bhith. Tha sibh a tuigsinn!—Highland News. AN T-IASGACH—Tha e tlachdmhor a bhi cluinntinn gu’m bheil an t-iasgach air an taobh sear glé mhath air a’ bhliadhna so. Aig Wick gu sònraichte rinneadh thairis air cùig mìle deug cran air an t-seachduin a dh’ fhalbh; agus troimh ’n t-seusan gus an àm so rinneadh suas ri ceud agus fichead mìle cran. Cha d’ rinn iad riamh barrachd air a so a mach á Wick. Aig Peterhead cuideachd tha an t-iasgach ro shoirbheachail. Mu dheireadh na seachduin a dh’ fhalbh rinneadh a dhà uidhir ’s a bh’ aca aig an aon àm an uiridh. Fhuaireadh ceud agus trì deug de mhìltean cran sgadain. Ann an àitean eile bha soirbheachadh math mar an ceudna. Tha an t-iasgach trioblaideach gu leòir agus làn de chunnart; tha e uime sin ’na aoibhneas leinn a bhi toirt fainear gu’m bheil buaidh is toradh a’ leantuinn an saothair air a’ bhliadhna so. Tuigidh sinn o so gu’m bheil an sgadan lìonmhor gu leòir air còrsan nan eileanan so, agus gu’m bheil luach mòran airgid ann am broinn na mara. Bidh e ’na chomhfhurtachd ann an ioma dachaidh ’s a’ Ghàidhealtachd ’nuair a thig na h-iasgairean air an ais le luach math d’ an saothair ’nan làimh. Tha dòchas againn nach bi na Gáidheil air dheireadh ’nan oidhirp air a bhi faotainn seilbh air bàtan agus lìn mhatha.—Oban Times. Naigheachdan. PAIGH AIR-SON BLIADHN’ EILE—’S ann mu’n àm so de ’n bhliadhna is àbhaist do ’n mhor-chuid de luchd-gabhail MHIC-TALLA a bhi ga phàigheadh air-son bliadhn’ eile. Bidh sinn gu mor an comain gach aon a chuireas ugainn, gun dàil, na tha aige ri phàigheadh. RIOGHACHD BHOCHD—Cha’n eil ann am Portugal ach rioghachd bhochd, ma tha an sgeul a tha tighinn á Lisbon, an ceanna-bhaile, fior. Tha paipearan-naigheachd a’ bhaile sin ag radh gu robh seudan a chrùin, am measg chàich an t-slàt rioghail, air an toirt seachad an geall airson airgiod iasaid. Is fiach na seudan so na milleinean, agus bidh e na thàmailt mhoir leis na Portugaich ma b’ fheudar do ’n teaghlach rioghail an toirt seachad do choigrich mar urras air-son airgid. MO THRUAIGHE ’CHEARC-THOMAIN—Air a cheud latha dhe ’n ath mhios, tòisichidh casgairt nan cearca-tomain. Tha iad air an dion leis an lagh gu deireadh a mhios so, ach an deigh sin bidh am marbhadh na h-obair a cheart cho neo-chiontach, an sealladh an lagha, ri buain a’ bhuntàta. Tha moran de luchd na seilg an dùil gu robh an aimsir dhùinte aig crìch mu mheadhon a mhios so, ach is mearachd sin a sgaoil na ’m measg, cha ’n eil fhios ciamar, agus is fheudar dhaibh an cuid ghunnachan a chrochadh, agus feitheamh le foighidin fad choig-la-deug eile. Tha sinn an dòchas, air a bhliadhna so, nach bi uiread sgiorraidhean a’ tachairt do shealgairean ’s a bh’ ann bliadhnaichean roimhe. AN CATH ’SNA MEINNEAN—Tha ’n cath eadar luchd-seilbh is luchd-obrach nam mèinnean ann am Pennsylvania a’ dol air adhart fhathast, ’s gun moran coltais gu ’n tig crioch air an ùine ghearr. Tha ochd seachduinean deuga o’n thòisich an strike, ’s tha ’n da thaobh an diugh cho fada bho chòrdadh ’sa bha iad aig ceann na ceud seachduin. Tha ’n luchd-seilbh a cur rompa nach toir iad do na daoine na tha iad ag iarraidh, agus tha na daoine air an laimh eile a’ cur rompa nach teid iad a dh’ obair gus am faigh iad buaidh, no gus an fheudar dhaibh toirt suas leis an acras. Tha an gual, air sàileabh sin a fàs daor; tha e nise aon dolair deug an tunna. Dha no tri bhliadhnaichean air ais bhatar ga ’chreic air na bu lugha na leth na prise sin. Thatar a nis a’ cur guail a nall do Chanada á Wales. PEARY A’ TILLEADH—Di-luain s’a chaidh, fhuaireadh fios bho Pheary, a bha ’san àirde tuath o chionn dha no tri bhliadhnaichean, ag innse gu robh e air a thurus dhachaidh. Tha e coltach gu ’n do choinnich e ri ’mhnaoi aig an àite bha air a shònrachadh, oir ’s ann air an t-soitheach aice-se, an Windward, a bha e nuair chuir e dhachaidh am fios. BAS CARAID ’SAN AON LATHA—Ann a Westchester, an siorrachd Chumberland, chaochail seann chàraid, E. J. Purdy agus a bhean, ’san aon latha, an ceathramh latha dhe ’n mhios. Mu cheithir uairean ’sa mhaduinn chaochail esan, agus ise mu dha uair feasgar. Bha a bhean tinn dha no tri mhiosan, ach cha robh Purdy fhein tinn ach dha no tri sheachduinean. LATHA TAINGEALACHD—Thatar a cur impidh air riaghladh Chanada latha taingealachd a thoirt dhuinn am bliadhna na ’s tràithe na b’ àbhaist a bhi ga ’chumail. Tha daoine dhe’n bharail gu’m bu chòir an latha so a chumail mu’m fàsadh an t-sìde fuar, fliuch, mar is abhaist dhi bhith toiseach a’ gheamhraidh. Tha duil gu ’m bi e air a chumail am bliadhna air an treas latha fichead de dh’ October. NA “H-EXHIBITIONS”—Chaidh exhibition St. John a thoirt gu crìch air an t-seachduin s’a chaidh, agus chaidh exhibition Halifacs fhosgladh. Bha moran sluaigh cruinn ann an St. John, àireamh mhiltean a bharrachd air na bh’ ann riamh roimhe, agus tha choltas air an fhéill gu’m pàigh i gu math. Ann a’ Halifacs, tha ’n t-sìde na’s fhearr na bha i gu tric an àm fhéilltean bhliadhnaichean roimhe, agus bha dòrlach math sluaigh cruinn. Bu mhiann leinn a bhi an dòchas gu ’m pàigheadh an fhéill so cuideacnd, ach tha cuimhne nam bliadhnaichean a dh’ fhalbh a’ cur eagail oirnn nach eil sin gu tachairt. INNEALAN ITEALAICH—Is iomadh aon a thug ionnsaidh air inneal-itealaich a dhealbh, ach ged chaidh a nochdadh gu soilleir gu ’m faodar dòchas altrum gu ’n gabh a leithid deanamh, tha an inneal a dh’ itealaicheas gu ceart fhathast gun fhaotainn. ’S e ’m fear mu dheireadh air am bheileas a fàgail a bhi toirt ionnsuidhean air inneal-itealaich a dhealbh am Professor Bell, athair na telefon. Tha na paipearan ag radh gu ’n do chuir e seachad a mhor chuid dhe ’n t-samhradh so ris an obair sin, agus ged tha e-fein a dol os àicheadh, tha iadsan ga ’shior mhathachadh air. Ma tha e fior gu bheil e da-rìreadh a’ feuchainn ris, tha sinn an dòchas gu’n soirbhich leis. DA FHEIN-MHORT—Di-haoine, an coigeamh latha dhe ’n mhios, dh’ fhàg Uilleam Mac-Gille-mhaoil, seann duine, aois còir is ceithir fichead bliadhna, a dhachaidh ann an Lynn, an siorrachd Cholchester. Chaidh daoine mach ga ’iarraidh, agus anmoch feasgar fhuaireadh a chorp marbh an crochadh ri craoibh.—Thainig fear Ralph McReady ri bheatha fein ann an acarsaid Halifacs oidhche Di-luain, an t-ochdamh latha, le leum bhar a bhàta tha deanamh an aiseig eadar Halifacs is Dartmouth. Bu duin’ òg esan, fichead bliadhna dh’ aois; bha e ’g obair gu anmoch feasgar, agus cha’n fhiosrach neach sam bith air aobhar a bhi aige air-son cur as d’ a fein. A’ CUR DAIL NA ’THEACHD—Bha dùil ri Marconi ann an Ceap Breatuinn o chionn fada, ach gu ruige so cha d’ thainig e; agus a nis, tha fios air tighinn nach urrainn e bhi ann an so gu mios Nobhember. Tha na h-uiread de ghnothuichean aige ri chur ceart mu’m fàg e thall ’s nach eil e comasach dha tighinn roimhe sin. Co-dhiu, ann an tòiseachadh air innleachd ùr mar so, is iomadh ni a dh’ fhaodas maille chur ann, agus cha ’n urrainnear daonnan cabhag a dheanamh. Cha’n fhiosrach sinn gu bheil fear-ealain sam bith a’ cur teagamh anns an innleachd so, no air am bheil eagal nach oibrich i gu math.—Tha fios eile a thainig o’n chaidh so a sgriobhadh ag innse gu bheil Marconi gu seòladh as an Eadailt deireadh na seachduin so, no toiseach na té s’a tighinn, agus gu’m bi gach ni an uidheam romh dheireadh an ath mhios. Di-dòmhnaich s’a chaidh, bha Marconi air aoidheachd aig Victor Emmanuel, righ na h-Eadailte, agus tha riaghladh na dùthcha sin ga ’chur a nall thar a chuain air bord long-chogaidh. [TD 46] [Vol. 11. No. 6. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 43.) sin thuirt e rithe gu ’m faodadh i labhairt gu saor ris. Cha robh i riaraichte leis an fhabhar a rinn an righ rithe an uair a dh’ ordaich e do na bh’ anns a’ chomhairle dhol am mach. Bha toil aice i fhein a dhion o chorruich an righ; oir bha i ’g a deanamh fhein cinnteach gu ’m biodh corruich air an uair a chluinneadh e na bh’ aice ri radh. Air an aobhar sin, thuirt i: “Tha mi ’guidhe air bhur morachd gu ’n toir sibh dhomh an toiseach dearbhadh gu ’n toir sibh mathanas dhomh ma shaoileas sibh gu ’m bheil m’ iarrtus anns a’ chuid a’s lugha cronail no mi-iomchuidh.” “Bheir mi mathanas dhut, biodh d’ iarrtus mar a thogras e,” ars’ an righ; “agus cha deanar cron sam bith ort: labhair am mach gu tapaidh.” An uair a chual’ i so, dh’ innis i gu saor, soilleir do ’n righ mar a chunnaic Aladin sealladh dhe ’nighinn, mar a thuit e ann an gaol trom oirre, mar a dh’ innis e staid ’inntinn dhi fhein an uair a chaidh e dhachaidh, mar a rinn i na bha na comas chum toirt air a bheachdan amaideach a leigeadh as a’ cheann, mar a thuirt i ris gu ’n robh a bheachdan “cronail dha fhein, do bhur morachd, mar righ, agus do bhur nighinn.” “Ach an aite mo chomhairle ’ghabhail, agus smaoineachadh air cho ann-dana ’s a bha e dha a bhith ’g arach a leithid de bheachd, bha mo mhac cho rag ’s gu ’n do chuir e roimhe deanamh mar a bha ’na bheachd. Agus mhaoidh e gu ’n deanadh e droch dhiol orm nan diultainn tighinn far am bheil sibhse a dh’ iarraidh bhur nighinn dha ri ’posadh. Agus cha do dheonaich mi tighinn gus an d’ fheuch e rium gle dhoirbh, agus mar sin b’ fheudar dhomh tighinn gus a thoileachadh. Tha mi rithist a’ guidhe air bhur morachd gu ’n toir sibh mathanas, cha ’n ann a mhain dhomhsa, ach do dh’ Aladin mar an ceudna, air son a bhith cho ann-dana ’s gu ’n iarraidh e bhur nighean ri ’posadh.” Dh’ eisd an righ ris na thubhairt i le mor chaoimhneas, agus cha robh coltas feirge sam bith air. Ach mu ’n d’ thug e freagairt dhi, dh’ fheoraich e dhi, ciod a bh’ aice anns an neapaiginn. Thog i ’mhias as an aite anns an do chuir i i, mu ’n do leig i i-fhein ’na sineadh air beulaobh na cathrach; dh’ fhuasgail i as an neapaiginn i, agus thairg i do ’n righ i. Cha ’n urrainear cainnt a chur air an ioghnadh a ghabh an righ an uair a chunnaic e an aireamh mhor de sheudan ro luachmhor a bh’ anns a’ mheis. Bha e car uine ag amharc orra ’s gun fhacal a’ tighinn as a cheann. Mu dheireadh an uair a thainig e g’ a ionnsuidh fhein, ghabh e ’mhias as a laimh; agus le glaodh ard-aoibhneas, thuirt e: “Nach iad a tha luachmhor! Nach iad a tha maiseach!” An deigh dha aon an deigh aoin dhiubh a laimhseachadh agus iad a’ cordadh anabarrach math ris, thionndaidh e ris an ard-chomhairleach, agus an uair a sheall e ’mhias dha, thuirt e; “Seall air a so, agus aidich nach fhaca tu riamh mu choinneamh do shul seudan cho riomhach, cho luachmhor, agus cho briagha riutha so. Chord iad anabarrach math ris an ard-chomhairleach. “Seadh, ma ta,” ars’ an righ, “ciod a th’ agad ri radh mu ’n tiodhlac so? Nach ’eil e airidh air mo nighinn? Agus nach coir dhomh a toirt do ’n fhear a tha ’cur a leithid so de luach oirre?” (Ri leantuinn.) Am fear a théid a dh’ iarraidh an iasaid théid e dh’ iarraidh a’ bhròin. Am fear a’s fhaide saoghal ’s e ’s mò a chì. PIOBAIREACHD. EARANN II. LE IAIN MAC NEILL. ANNS na laithean a thréig cha robh coinneamh—ma’s i deireadh bhuana, oidhche Shamhna, banais no Nollaig—anns nach robh feum air a phiob; ach b’ ann a ghnàth air a bhlàr-a-mach a bhatar ’g a cluich, agus bha fidhlearan aca gu cluich a stigh. Is cuimhne leam fein Piob a chluinntinn air achadh-buana o chionn a nis suas ri deich bliadhna-fichead. Tha duil agam gu ’n robh fuaim na Pioba aon uair moran na bu laidire agus na b’ airde na tha i nis ri cluinntinn, oir tha sinn a leughadh gu ’m faodteadh a cluinntinn aig astar coig no sia mhiltean, agus ri sìd fior fhàbharach, eadhoin deich mile. Tha i nis gle mhath gu bhi air a cluich ann an seomraichean mora ard, farsuinn mar tha iomadh talla anns a bhaile so, ach cha ’n fhasan Gaidhealach idir a bhi ga cluich anns an tigh. A chum a ceol a thuigsinn feumar a’ Phiob a chluinntinn am measg bheanntan gorm tir a dùthchais, a laidhe sios air an fhraoch (am fagus air an t-seann Tùr) ri taobh an lochain fheathail ag eisdeachd r’a ponganan àluinn, air am maothachadh gu milseachd leis an astar, nuair a dh’ eireas iad o’n t-seann Tùr air oiteag fhann an fheasgair, agus iad a co-sheirm ri toirm nan eas tha ’taomadh m’ an cuairt—’se so eisdeachd ris a Phiob Mhòir mar bu choir. Is minic a thug a ceol faothadh do chridhe iomadh h-aon a thuillidh air Fionnladh Piobaire, agus b’ fhior a bharail nuair a thuirt e ri Eoghan Brocair:— “Tha mise ’g radh riut gu ’m bheil cuairt cheolmhor air feasgar tlàth ri taobh na h-aibhne sin shios do m’ anam-sa mar aiteal an earraich do ’n euslainteach bhochd; mar chiùran uisge no mar dhruchd an anmoich do na lusaibh maoth. Cha luaithe thogas mi ‘Failt’ a Phrionns’ òig,’ no ‘Baille Dhunéideann,’ na thig taiseachadh air mo chridhe; tha ’n oige a’ tighinn air a h-ais le cuimhne nan cairdean caomh a dh’ fhalbh. Cha mhò orm an saoghal air na h-àmannan sin na ’n cluaran a tha falbh leis an oiteig. Tha mi air mo thogail mar fhiadh ’s a’ chreachann; ach cha ’n ’eil togradh a’ m’ chridhe ach togradh gu cairdeas agus gniomhara fiughantach. Cha ’n aighear e, agus cha chròn e; ach, mo bheannachd air, is iomadh là a sheas e mi.” Am measg na bha de Phiobairean riamh ann an Albainn cha robh dream air bith dhiubh cho ainmeil ri Cloinn Mhic Cruimein a bha fad iomadh linn ’nam Piobairean aig Ceann Cinnidh nan Leodach ann an Dunbheagain. Tha iad ag radh gur h-ann á Cremona anns an Eadailt a thainig a cheud fhear de ’n t-seorsa maille ri Mac-Leoid agus gu ’m bu chlàrsair e. Air dha tuineachadh anns an Eilean Sgiathanach ghabh e ainm an aite anns an d’ rugadh e. Bha oil-thigh aig Cloinn ’ic Cruimein aig Boraraig ochd mille mu thuath de Dhun-bheagain agus bha baile math saor de mhàl aca ’bharrachd air iomadh sochair eile. ’Se a b’ ainm do ’n cheud Phiobaire dhiubh so Iain Odhar. Na dheidh thainig a Mhac Domhnull Mor, fear ciuil cho ainmeil ’s a bha ’san rioghachd na linn. Nuair a fhuair e gach foghlum a b’ urrainn ’athair thoirt dha chuir Mac Leoid a dh’ Eirinn e gu Oil-toigh ainmeil far an robh thar fichead Piobaire og ag ionnsachadh aig an àm. Bha a chluas agus a mheomhair cho math ’s gu ’n gleidheadh e cuimhne air ceol air bith a chluinneadh e aon uair. Bha gach aon de na piobairean a faotainn ionnsachaidh air leth leis fein, agus air do Dhomhnull Mor an seòl a bh’ aca’ thuigsinn b’ àbhaist dha e fein fhalach far an cluinneadh e am Maighstir a’ teagasg chàich, agus mar so cha robh e fada gus an d’ rinn e greim air na bha ri fhaotuinn an sin. Cho fad ’s a ghabhas deanamh mach ’s esan a chuir r’a cheile “Cumha Ruairidh Mhoir, Ceann Cinnidh nan Leodach” anns a bhliadhna 1626, am port a’s binne agus a’s muladaiche, agus uile gu leir a’s fearr tha leigeil ris tùr-bhron an duine ’chuir r’a cheile e ’tha againn air mhaireann. B’e Ruairidh Mor ceann-feadhna a b’ airde cliu anns a Ghaidhealtachd airson oirdheirceis, eireachdais agus fialachd a thighe. ’Se thog tùr ard Chaisteil Dhunbheagain agus tha e air innseadh gu ’m b’e am fear mu dheireadh de inbhe a chleachd a bhi ’sgriobhadh ann an Gaidhlig. Nuair a chaochail e cha b’ urrainn Mac Cruimein fantuinn na b’ fhaide ’s a chaisteal, dh’ fhag e an Dùn agus sheid e suas:— Tog orm mo Phiob ’s theid mi dhachaidh, ’S duilich leam fhein mo leir mar thachair, Tog orm mo Phiob ’s mi air mo chradh Mu Ruairidh Mor—mu Ruairidh Mor. Tog orm mo Phiob—tha mi sgith ’S mur faigh mi i theid mi dhachaidh; Tog orm mo Phiob—tha mi sgith ’S mi air mo chradh mu Ruairidh Mor. Tog orm mo Phiob—tha mi sgith ’S mur faigh mi i theid mi dhachaidh; Clarsach no Piob cha tog mo chridh’ Cha bheo fear mo ghraidh, Ruairidh Mor. ’Na dheidh-san thainig a mhac Para Mor. Chuir e r’a cheile barrachd de phuirt phiobaireachd na aon duine eile air am bheil cunntas againn. Anns a bhliadhna 1651 bha Mac-Leoid Dhunbheagain agus Tanaister an Teaghlaich, fear Thalasgair, ann an Sasunn a’ cuideachadh le Righ Tearlach a dha, goirid mu ’n do chuirteadh Blar Worcester, far an d’ rinneadh Ridirean diubh leis an Righ (Sir Tormad an Dùin agus Sir Ruairidh) agus bha Para Mor na Phiobaire leo. Chluich e an lathair an Righ agus bha esan cho toilichte ’s gu ’n do cheadaich e do Phara Mor a lamh a phogadh—agus an sin chuir am Piobaire r’a cheile am port briagha sin, “Thug mi pòg do laimh an Righ.” (Faodaidh mi ’radh anns an dol seachad gu bheil am port so ann an leabhar Mhic Aoidh, air am bi facal no dha agam ri radh ma bhitheas uine agam mu ’n criochnaich mi, agus gu bheil mearachd cunntais beag air toiseach gach h-aon de na siubhlaichean mar tha furasd fhaicinn le amharc’ air an leabhar; ach is coltach nach eil Piobairean a toirt an aire dha oir chuala mi e iomadh uair direach mar tha Mac Aoidh ga chur sios). Chaidh Para Mor latha àraidh do ’n eaglais le ochdnar mhac r’a ghualainn, òganaich cho eireachdail ’s a sheas riamh air bonn broige, ach mu an d’ thainig ceann bliadhna chàirich e seachd dhiu fo ’n fhòid ann an cladh Chille Mhoire. ’S ann air an àm sin a chuir e r’ a cheile ’m port tiamhaidh, muladach sin ris an canar “Cumha na Cloinne.” ’Na dheidhsan thainig an t-aon mhac a dh’ fhagadh beò—Pàruig òg—a bha mach ’s a mach cho math ri Piobaire de ’n t-seorsa o’n d’ thainig e, agus theagaisg e na Piobairean a b’ fhearr a bh’ ann r’a linn. Bha e da uair pòsda agus rugadh fichead duine cloinne dha, ach cha d’ thainig ach ceithir no cóig dhiubh gu meudachd. Bithidh beagan agam ri radh mu ’n duine so fhathast. Bha Iain a mhac na Phiobaire aig Iarla Siphort agus is e dhealbh am port boidheach sin, “’S leam fein an gleann.” Bha Calum agus Domhnull Bàn, a mhic eile, nam Piobairean aig MacLeoid. Ann am bliadhna Thearlaich dh’ eirich MacLeoid air taobh Dheorsa agus dh’ fhalbh Domhnull Bàn Mac Cruimein leis, beagan an aghaidh a thoil tha (Air a leantuinn air taobh 45). [TD 47] [Vol. 11. No. 6. p. 7] Litir a Lag an t-Slocain. FHIR-DEASACHAIDH,—Ged nach do rinn mise moran sgriobhaidh ann an Gàilig, tha mi ’faicinn gu ’n tug sibh àite anns a’ MHAC-TALLA do’n litir a sgriobh mi ugaibh o chionn mios no dha, mar sin a toirt misneach dhomh gu litir eile a sgriobhadh ugaibh. Bha mi o chionn ghoirid air chuairt troimh ’n dùthaich anns an d’ fhuair mo chàirdean am breith ’s an àrach, agus smaoinich mi gu ’n taghalainn air caraid dhomh a tha deanamh a chomhnuidh ann. Cha ’n ’eil an t-àite so ach beagan mhiltean bho Lag an t-Slòcain, agus o’n a bha sìde bhriagha ann agus mise ann an deagh shlàinte, thaghal mi air Iain Mac Gillemhaoil (Iain mac Callum). Tha ’n duine coir so ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’ aois, agus cha robh e ann an leabaidh riamh le tinneas. Rugadh e ann an Uidhist a’ chinn a tuath, “Tir nan curaidh, tir nan cliar, An tir bhiachar, fhialaidh, mheasail.” Bha e ag innseadh dhomh gu ’n robh e faisg air da fhichead bliadhna dh’ aois mu ’n d’ thàinig e a mach do ’n dùthaich so. Chunnaic e a’ cheud bhàta-smùid a chaidh a stigh do Ghlascho. “B’ aithne dhomhsa,” ars’ esan, “fear Mìcheal Domhnullach, duine coir a tha ’fuireach faisg air dachaidh a’ MHIC-TALLA, (agus faisg air an Lag) a bha ’g obair air a chead rathad-iaruinn a chaidh riamh a stigh do Ghlascho. Cha ’n ’eil fhios agam a bheil e beo.” Tha Iain mac Calum ann an deagh shlàinte, ged nach ’eil a fhradharc ach dona. Ma bhios mi air mo chaomhnadh theid mi a choimhead air a rithist an ùine gun a bhi fada. Tha na seana Ghàidheil a’ fàs na ’s gainne a h-uile bliadhna. Tha iad a’ tighinn gu crìch an turuis. ’S iomadh ànradh is allaban a dh’ fhuiling iad a deanamh dachaidh dhaibh féin an coilltean fàsail America. ’S e daoine anabarrach coir caoimhneil a th’ annta. Tha iad fhein a’ cumail a mach gur h-e na seana bheachdan a b’ fhearr na beachdan an latha ’n diugh. Agus ma dh’ fhaoidteadh gur iad. Nach gasda an ni gu dearbh, seana Ghaidheal no bana-Ghaidheal fhaicinn aig deireadh an làithean gu sitheil, toilichte, gun dad a cur uallach orra—an déigh dhaibh an diol de thrioblaidean na beatha so fhulang. “Fòs tamull beag is ruigidh sinn An caladh ait fa dheoidh, ’S an coinnich sinn na sgaradh uainn, ’S cha dealaich sinn na ’s mo.” Co thachair rium air mo rathad dhachaidh gu Lag an t-Slòcain ach Donnachadh ciar, fear de leughadairean MHIC-TALLA. Chord “Suiridhe a’ mhadaidh-ruaidh,” ris fior mhath. Ged a bha i na sgeula gle ait, cha robh facal innte ach smior na firinn. Is iomadh “madadh-ruadh” ’s “pioghaid” a tha ’n “ceithir chearnaibh an domhain mhoir.” “Is aithne dhomhsa,” arsa Donnachadh, “duine coir, (cha leig mi leas ’ainmeachadh) aig am bheil ‘pioghaid’ mnatha, as nach tig gabadh ach an aon ràn o mhoch gu dubh a càineadh cuideigin.” (Thug e sùil gheur ormsa nuair a thuirt e so, mar gu ’m bithinnsa an té a bha e ’ciallachadh). “’S ann agam a tha ’n truas ris an fhear aig am bheil i. Tha mi ’g ràdh riut, a Pheigidh,” ars’ esan, “gu ’m bu cheart cho math leam cù a chur mu m’ amhaich is mo cheangal ri té dhiubh!” Dh’ fhàg mi slàn aig Donnachadh. An uair a ràinig mi an rathad mor, a tha pios bho ’n taigh aige, ’s mi smaoineachadh air a cho-dhùnadh a thug Donnachadh air an droch bhean, thuirt mi rium fhìn nach robh e fada cearr. Cha ’n ’eil mi-fhìn posda, agus cha bhi an da latha so, ach tha mi ’n dochas nach e “madadh-ruadh” a gheibh mi, ged a dh’ fhaodainn a bhi toilichte le “madadh-ruadh” fhéin na mo shean aois. “Is fhear giomach na bhi gun fhear.” Cha chreid mi-fhìn gu bheil sibh a’ clo-bhualadh leith gu leor dhe na seann sgeulachdan, ged, ma dh’ fhaoidteadh, an rud a chordas ri aon neach nach cord e ri neach eile. Tha na sgeulachdan gle fheumail air son cuideachadh le bhi ’g ionnsachadh na Gàilig; agus a bharrachd air a sin éisdidh a chlann bhig le mor aire ris na seann sgeulachdan, a tha air an toirt seachad ann am briathran cho snasail. An cuala tu riamh am facal so: “Gach dàn gu dàn an Deirg; gach laoidh gu laoidh an Amadain mhoir; gach eachdraidh gu eachdraidh Chonnail.” Agus faodaidh mise radh ann an so, “Gach sgeul gu sgeul Iain mhor nan ord.” Thàinig crioch oirre o chionn àireamh no dha dhe ’n MHAC-TALLA, agus chord i taghta math rium. Mo mhìle beannachd agad, a Sheumais choir! ’s ann agad fhéin a tha ’n deagh Ghàilig. Ma thig thu gu bràth do Lag an t-Slòcain na di-chuimhnich taghal orm. Tha ’n t-àm agam stad. Tha crith air tighinn na m’ laimh leis na sgriobh mi. Ma bhios mi beo agus air a chothrom sgriobhaidh mi litir eile ugaibh. Is mi do bhana-charaid, PEIGIDH PHABACH. Lag an t-Slòcain. Litir a Dawson. A CHARAID,—Tha mi smaoineachadh gur tìm dhomhsa an dolar dligheach a chuir do ur n-ionnsuidh aon uair eile, a chum ceartas a thoirt do MHAC-TALLA. Anns an litir so tha mi cur robag de dholair, agus bho ’n tha mi a fàgail na dùthcha so gu h-aithghearr, bithibh cho math agus am paipear a stiùireadh an deigh so gu Vancouver, B. C. Tha nàire orm a bhi leughadh anns a MHAC-TALLA a bharail bhochd tha aig mo charaid, Mac Leoid na Highland News, air na Breatunnaich a sheas cor na rioghachd cho tapaidh agus cho smearail. Bha ceartas agus neart air taobh an leoghainn Bhreatunnaich ann an Africa, agus a reir coltais tha na Boerich dhe ’n bheachd so a nis. Tha mi duilich gu ’n deach sibh as an rathad gu oisean a thoirt do ’n litir leibidich air taobh-duilleig 13 de ’n MHAC-TALLA. Na Boerich ghranda! nach iad féin a thoisich air an aimhreit, ’s fhuair iad mar thoill iad, an aitridhean a losgadh, agus na mnathan ’s a chlann a thoirt air falbh, ged nach b’ ann mar phriosanaich, ach chum an aire thoirt orra. Gu dé thainig air “Iain” coir? Am bheil e beo? Air an rathad do ’n phost oifis choinnich mi dithis chàirdean a thug dhomh dolar am fear airson MHIC-TALLA. So agaibh iad, agus stiùraidh sibh am paipear do’n ionnsuidh: Seumas Domhnullach agus D. C. Mac Coinnich. Tha an Domhnullach de mhuinntir Hogamah, agus tha e cur bheannachdan gu ’r n-ionnsuidh. Tha mi duilich nach fhaighinn an corr ainmean dhut. Tha àireamh mhor de ghillean Cheap Breatuinn is Nobha Scotia an so, ach cha’n eil iad cho measail air a’ Ghàilig ’s bu choir dhaibh a bhith. ’S mise bhur caraid as an t-seann dùthaich, CAILEAN SIOSAL. “Ma’s Breug Uainn e is Breug Ugainn e.” A MHIC-TALLA CHOIR,—Tha e dona gu leor a bhi ’g innse bhreug mu ’n bhric anns na paipearan Beurla, ach nuair a thuirt thu ’sa Ghàilig ’san àireamh mu dheireadh gu ’n do ghlac Gilleasbuig Domhnullach a’ bhreac ann a Hawkesbury, tha e moran, moran na ’s miosa. Cha robh a’ bhreac ’sa bhaile so no ’san t-siorrachd d’ am buin am baile bho cheann deich bliadhna fichead no corr. Tha bladaireachd bhreug mar so ga ’sgaoileadh air feadh na dùthcha cunnartach air cron a dheanamh air a bhaile so agus air MAC-TALLA fhein. Ma tha gus nach eil a’ bhreac air an Domhnullach, cha b’ ann ’sa bhaile so a fhuair e i. ALASDAIR. Hawkesbury, Sept. 10, 1902. Iadsan a Phaigh. Tormad A. Mac Leoid, Sgir Dhubh Iain M. Munro, Canoe Lake Alasdair D Domhnullach, Whitney Pier Murchadh Domhnullach, Abhainn a Tuath A. Domhnullach, S. W. Ridge, Mabou Iain Mac Fhearghais, New Canada Bean Alasdair Mhic Rath, Sidni Eoseph I. Mac Neill, Sidni Iain Mac Rath, an Abhainn Mheadhonach R. A. Mac Cormaic, Middle Cape Caitriona Nic Phàrlain, Baddeck Calum H. Gillios, Braigh Mhargaree D. D. Mac Phàrlain, S. W. Margaree Eoseph A. Donullach, Cùl Bhaoghasdail Iain D. Dùghlach, Grand Mira Domhnull I. Mac Leoid, Framboise Leslie A. MacCorrison, Nyanza Iain Mac-a-Bhiocair, Catalone Iain A. Mac Isaic, Glace Bay I R Mac Gillfhaolain, Indian River, E P I Cyrus D. Dùghallach, DeSable, E P I> Aonghas Mac Aonghais, Georgeville, N S Donnachadh Siosal, Glassburn, N S Ailean Domhnullach, Antigonish, N S Domhnull Mac Rath, Vancouver, B. C. Cailean Siosal, Vancouver, B. C. Seumas A. Rothach, Moose Jaw, N. W. T. Seumas F. Domhnullach, Dawson, Y. T. D. C. Mac Coinnich, Dawson, Y. T. Alasdair Mac Ealair, Sault Ste Marie, Ont Eoghan Mac Colla, Strathroy, Ont. Sìne Bhellairs, Springbank, Ont. An t-Ollamh J. D. Prince, New York A. R. Domhnullach, Albany, N Y Calum Mac Fhearghais, San Francisco Eoghan A. Smith, Silver Cliff, Colo Mrs Dhomhnullach, Portsmouth, Sasunn Iain Domhnullach, Cnoc-nan-Torran, Alba Domhnull Mac Coinnich, Glascho, Alba Am fear a gheallas ’s e dh’ iocas. Air a làimh fhéin, mar a bha ’n ceard ’s a’ chaonnaig. Aig bainnsean ’s aig torraidhean aithnichear càirdean is eolaich. Aithnichear am balach ’s a’ mhaduinn—bristidh e barrall a bhroige. Air mheud ’s a their na sloigh, cha ghloir a dhearbhas ach gniomh. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. [TD 48] [Vol. 11. No. 6. p. 8] Muile nam Mor-bheann. Am Muile nan craobh tha ’mhaighdean bhanail, D’ an d’ thug mi mo ghaol ’s mi faoin am bharail; ’S ma chaoidh e fo sgaoil ’s nach faod mi ’faighinn, Gu ’n taobh mi caileagan Chòmhail. SEISD. Bho ’n tha mi gun sunnd, ’s is dùth dhomh mulad, Cha tog mi mo shùil ri sùgradh tuille; Cha teid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag, ’S mo rùn am Muile nam mor-bheann. Tha maise a’s uaisle, suairceas a’s ceanal, A’ direadh a suas an gruaidh mo leannain; Ma bheir thu dhomh fuath, ’s nach buan do ghealladh, Ni uaigh a’s anart mo chomhdach. Tha maise no dhà ri àireamh fhathast Air bean a’ chùil bhàin nam blàth-shùl meallach; Ma bheir thu do làmh, gu’m fàs mi fallain, ’S bu shlàinte mhaireann do phog dhomh. Do shlios mar an fhaoileann, taobh na mara, Do ghruaidh mar an caorann, sgaoilt’ air mheangan, Sùil ghorm is glan aoidh, fo chaoin-rosg thana— ’S tu ’n oigh a mhealladh gach oigear. Tha smuaine no dha an tràth-s’ air m’ aire; Cha ’n innis mi ’chàch ceann-fàth mo ghalair; Ged laidheas mi tràth, cha tàmh dhomh cadal, ’S do ghràdh ga m’ sgaradh an comhnuidh. Gur math ’thig an gùn o ’n bhùth do ’n ainnir, ’S an fhasan is ùire ’n cùirt nan Gallaibh; Troidh ghloin am broig ùir—’s i dùint’ le barrall— Nach lùb air faiche am feoirnein. Do chùl mar an lion ’na mhile camag, Nach greannach fo chir, a’s siod ga ’cheangal; Do dheud mar na dìsnean, dìonach, daingean; Beul binn a ghabhail nan oran. ’S e ’sgar mi o m’ chiall ro mhiad do cheanail, ’S o’n chaidh thu do ’n t-sliabh, nach b’ fhiach leat m’ fharaid; ’S e d’ aogas a’s d’ fhiamh ’chuir pian am charaibh, ’S cha mhiann a bh’ agam air storas. Fuaim an t-Saimh. LE MAIRI NIGHEAN ALASDAIR RUAIDH. Ri fuaim an t-saimh ’S uaigneach mo ghean, Bha mis’ uair nach b’e sud m’ àbhaist. Bha mis’ uair, &c. Ach piob nuallanach mhor, ’Bheireadh buaidh air gach ceol, ’Nuair ghluaist’ i le meoir Phàdruig.* ’Nuair ghluaist’ i, &c. Gur mairg a bheir géill Do ’n t-saoghal gu léir, ’S tric a chaochail e cheum gàbhaidh. Gur lionmhoire chùrs Na ’n dealt air an driùchd, Ann am madainn an tùs Màighe. Cha ’n fhacas ri m’ ré, Aon duine fo ’n ghréin, Nach tug e ghreis féin dhà sin. Beir an t-soraidh so bhuam, Gu talla nan cuach, Far ’m biodh tathaich nan truadh dàimeil. Thun an taighe nach gann, Fo ’n leathad ud thall, Far ’bheil aighear is ceann mo mhànran. Sir Tormad mo rùin, Ollaghaireach thu, Foirmeil o thùs t’ àbhaist. A thasgaidh, ’s a’ chiall, ’S e bu chleachdadh dhut riamh, Teach farsuinn ’s e fial, fàilteach. Bhiodh tional nan cliar, Re tamull, a’s cian, Dh’ fhios a bhaile ’m biodh triall chàirdean. Nàile, chunna mi uair, ’S glan an lasadh bha ’d ghruaidh, Fo ghruaig chleachdaich nan dual àrbhuidh. Fear direach, deas, treun, Bu ro fhirinneach beus, ’S e gun mhi-ghean, gun cheum tràilleil. De ’n linne a b’ fhearr buaidh, Tha ’s na criochaibh mu ’n cuairt, Clann fhirinneach Ruairi làin-mhoir. Cha ’n ’eil cleachdadh mhic righ, No gaisge, no gniomh, Nach ’eil pearsa mo ghaoil làn deth. Ann an tréine ’s an lùgh, Ann an céutaidh ’s an cliù, Ann am féil’ ’s an gnùis nàire. Ann an gaisge ’s an gniomh, ’S ann am pailte neo-chrion, Ann am maise ’s am miagh àilteachd. Ann an cruadal ’s an toil, Ann am buaidh thoirt air sgoil, Ann an uaisle gun chron càileachd. Tuigs-fhear nan teud, Purpas gach sgéil, Susbaint gach céill nàduir. Gu ’m bu chubhaidh dhut sid, Mar a thubhairt iad ris, Bu tu ’n t-ubhal thar meas aird chraoibh. Leodaich mo rùin, Seorsa fhuair cliù, Cha bu thoiseachadh ùr dhaibh Sir. Bha fios co sibh Ann an iomartas righ, ’Nuair bu mhulaidich stri Thearlaich.* Slan Ghaidheil no Ghoill, Cha d’ fhuaras oirbh foill, Dh’ aon bhuaireadh gu ’n d’ rinn ur nàmhaid. Lochlunnaich threun Toiseach ur sgeil, Sliochd solta bho fhreumh Mhànuis. Thug Dia dhut mar ghibht, Bhi gu moralach, glic, Chriosd deonaich dha d’ shliochd bhi àghmhor. Fhuair thu fortan o Dhia, Bean bu shocraiche ciall, ’S i gu foisteineach, fial, nàrach. Am beil cannach is cliù, ’S i gun mhilleadh na cùis, ’S i gu h-iriosal, ciùin, càirdeil. I gun dolaidh fo ’n ghréin, Gu toileachadh treud, ’S a h-òlachd a réir bàn-righ. ’S tric a riaraich thu cuilm, Gun fhiabhras, gun tuilg, Nighean Oighre Dhun-Tuilm, slàn dut. * Padruig Mor Mac Criomain. * Righ Tearlach II. Aicheadh na caillich air an sgillinn—nach e sgillinn idir a bh’ ann ach dà bhonn-a-sia. Is ann againne a gheibh thu na Gloineachan Sula a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 49] [Vol. 11. No. 7. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 3, 1902. No. 7. Geur-leanmhuinn nan Iudhach. THA riaghladh Roumania,—dùthaich bheag Eòrpach tuath air an Tuirc,—daonnan a geur-leanmhuinn nan Iudhach. Ann an còrdadh a rinneadh eadar na rioghachdan aig crioch a chogaidh a bh’ eadar Ruisia agus an Tuirc ’sa bhliadhna 1878, gheall riaghladh Roumania saorsa agus còirichean nan Iudhach a choimhead; ach cha deach an gealladh sin a chumail riamh. Tha cùisean ann an Roumania an diugh ionann ’s mar a bha iad ann an Sasuinn ’s an treas linn deug, tha na h-Iudhaich na ’n daoine saoibhir airgiodach, agus uaislean na dùthcha bochd. Tha na h-uaislean gu tric a’ gabhail airgid an iasad bho na h-Iudhaich, agus air an dòigh sin tha moran dhiu ann an trom fhiachan aca. Cha ’n eil comas no toil aca na fiachan sin a phàigheadh, agus ’se na h-Iudhaich a’ dh’ fhàgail na dùthcha gu buileach glan an aon rud a tha dhìth orra. Air an aobhar sin tha iad ga ’n geur-leanmhuinn, ’s a deanamh uiread sàrachaidh orra ’s gur buidhe le moran dhiu dol air imrich do dhùthchannan eile, gu h-àraidh do na Staidean. Cha ’n ’eil riaghladh nan Staidean deònach gu’m biodh tuilleadh ’s a chòir dhiu an taobh a stigh d’an criochan, agus air-son an cumail thall tha iad aig an àm so a’ cur impidh air rioghachdan mora na h-Eòrpa éiginn a chur air Roumania gu stad de ’n gheur-leanmhuinn a th’ aice air an t-sluagh mhi-fhortanach. ’Se sin an aon ni a chuireas stad air, ach tha e doirbh a dhol roimhe ciod a chi na rioghachdan iomchuidh a dheanamh. Tha fios air tighinn á Roumania fhein nach eil riaghladh na dùthcha sin a dol a’ thoirt feairt sam bith air iarrtas nan Staidean. Tha Roumania anns an Roinn-Eòrpa ’san aon suidheachadh ’s a tha Bhenesuela ’s na dùthchannan beaga leibideach eile tha ’n ceann a deas America. Tha iadsan air an gabhail fo thearmunn nan Staidean, agus ged nach urrainn an dùthaich sin modh ionnsachadh dhaibh, cha leig i le dùthaich Eòrpach an dochann air-son am mì-mhoidh. Tha Roumania air an dòigh cheudna comasach air a toil fhin a dheanamh a chionn gu bheil na rioghachdan mora cho naimhdeil ri cach a cheile ’s na ’n tòisicheadh aon dhiu air ise chronachadh gu’n gabhadh aon no dha eile a pàirt, ’s an sin bhiodh an aimhreit air a bonn. Cumaidh eagal na h-aimhreit sin na rioghachdan na ’n tosd aig an àm so, agus mar sin cha’n ’eil mòrain dochais gu’n deanar cobhair air na h-Iudhaich mur tachair gu’n teid na Staidean air adhart leis a’ chùis air dhòigh ’s nach gabh an iarrtas diùltadh. SEONAID NIC-LACHAINN.—Tha a’ bhan-òranaich ainmeil so aig an àm a’ cur cuairt air Roinnean Iochdrach Chanada. Bha i ann an Sidni da oidhche toiseach na seachduin so. Oichche Di-luain bha an talla mor ’s an robh e ’seinn làn, agus ged bha oidhche Di-màirt fliuch, fuar, cha robh an àireamh moran ni bu lugha. Bu mhath a b’ fhiach i dhol ga ’h-éisdeachd; tha guth binn, ceòlmhor aice, agus seinnidh i cho beothail ’s cho faireachail ’s gu’n giùlain i an sluagh air falbh le ’ceòl. Bha na h-òrain Ghàilig gu h-àraidh taitneach; rinneadh barrachd caithreim na ’n deigh na rinneadh as deigh aon de na h-òrain Bheurla. Tha Seònaid, an deigh na Roinnean Iochdrach fhàgail, a’ dol air chuairt troimh Ontario, ’s an deigh sin theid i do na Staidean. Tha MAC-TALLA guidhe turus math agus soirbheachadh leatha. Leabhraichean. THA nis dà mhìle agus naoi ceud bliadhna o ’n thubhairt Righ Solamh, “Air mòran leabhraichean a dheanamh cha ’n ’eil crìoch; agus tha mòran leughaidh ’na sgìos do ’n fheòil.” Ma bha so fior ann an làithean Sholaimh, tha e gu mòr ni ’s firinniche anns na lìnntean so. Tha de leabhraichean ùr a’ tighinn a mach na h-uile latha nach ’eil e ’n comas a h-aon air bith eòlas fhaotainn air a h-aon ’sa mhìle dhiubh; agus da rireadh is suarach an call, oir ’s beag a’s fiach a’ chuid a’s mò dhiubh. Ged bhiodh e ’n comas duine am faotainn uile agus an leughadh uile, bu bhochd an caithe-beatha dha a làithean a chur seachad ’san t-saothair dhiomhain. Cha ’n e nach ’eil iomadh leabhar math a’ teachd a mach, agus is fhada ghabh e uainne tàir a dheanamh orra, no an di-moladh. Bu chòir dhuinn a bhi taingeil airson an tomhais mhòir fhiosrachaidh agus eòlais tha nis r’a fhaotainn o leabhraichean, agus an comas tha aig daoine bochda nis cuid diubh a leughadh. Ach ann an leughadh a’ chuid a’s fearr dhiubh, ’s iomchuidh do dhuine bhi ’na earalas. Tha barailean mearachdach ann am mòran diubh, agus tha e duilich air uairibh am moll fhasgnadh o’n chruineachd—an fhìrinn o’n chuid tha mearachdach. MORT AN GLACE BAY.—Aig Mèinn Chaledonia, air an aonamh latha deug de September, bha fear Calum Friseil, Frangach de mhuinntir Chuebec, air a mhort le companach dha, fear Horace Charbouneau. Bha ’n dithis ag òl cuideachd, agus dh’ eirich aimhreit eatorra nuair a bha iad a dol dhachaidh. Leag am Frisealach Charbouneau, agus an sin loisg am fear sin air ceithir uairean. Chaidh an ceathramh peilear na shùil ’dheis agus stad e na ’eanchainn. Chaochail e maduinn an treas latha deug. Bha Charbouneau air a thoirt gu cùirt fir-ceartais ’s á sin air a chur do’ n phriosain a dh’ fheitheamh na Cùirte Moire. Bha’n dithis dhaoine na’n companaich, ’s na ’n dlùth chàirdean, ag obair ’s a cadal cuideachd. Thainig iad do Ghlace Bay toiseach an t-samhraidh, agus cha do chuir ni eatorra riamh gus an d’ rinn an t-òl e. BAS AITHGHEARR.—Thainig bàs gle aithghearr air duin’ òg, d’am b’ ainm Iain Mac Phàrlain, air an Eilean Mhor air an treas latha deug dhe ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha e ’g obair an latha roimhe sin a’ cur a staigh arbhair, agus thatar am barail gu ’n do dh’ obraich e tuilleadh is cruaidh; chuir e ceithir lòid dheuga staigh. Tràth ’san oidhche ghearain e ’cheann, agus chaidh e laidhe. ’Sa mhaduin cha robh e ni b’ fhearr, agus bha mhàthair a’ deanamh deiseil air-son a dhol do Bhaddeck a dh’ iarraidh dotair nuair a chaochail e. Tha a mhàthair na bantraich, agus tha truas mor rithe air dhi a h-aon mhac ’s a fear-cuideachaidh a chall air dhòigh cho muladach. SGIORRADH MI-FHORTANACH.—Tha sinn duilich a chluinntinn gu ’n do thachair droch sgiorradh do ’n Urr. Tearlach C. Mac-an-Tòisich, ministeir Reserve Mines, Di-ciaduin s’a chaidh. Bha e air a thilgeadh á carbad, ’s e dol gu taigh aon de mhuinntir a pharaiste, agus a bharrachd air goirteachadh eile, chaidh e as a’ ghuala. Bha Mr. Mac-an-Tòisich an dùil falbh an ceann latha no dha do ’n t-seann dùthaich, a ghabhail cùrsa ann an oil-thaighean Dhun-Eidionn is Ghlascho, agus cuiridh an sgiorradh so dàil na fhalbh. Fios do ar Leughadairean. BIDH MAC-TALLA air an turus so latha no dha anmoch a ruigheachd an luchd-gabhail. Tha so air aobharachadh le paipear a bha sinn a’ faotainn a thoirt ro-fhada air an rathad a’ tighinn. Tha sinn duilich air son cho liutha dàil ’s a bh’ ann an cur-a-mach a phaipeir air a bhliadhna so, ach faodaidh an luchd-gabhail a bhi cinnteach nach bi e mar sin an déigh so, ach gu ’n ruig e iad gu riaghailteach uair ’san da sheachdain. Tha sinn an comain na feadhnach a chuir air adhart am pàigheadh, agus an dòchas gu ’n cluinn sinn uapa-san nach d’ rinn sin fhathast gun dàil. CRIOCH AN IASGAICH.—Ged nach do thill mòran de na bàtan fathast dhachaidh feudar a ràdh gu ’m bheil iasgach an sgadain air tighinn gu crìch. Bidh e ’na thaitneas le ar luchd-leughaidh anns gach ceàrn de’n t-saoghal a bhi a’ cluinntinn gu’n robh soirbheachas math aig na h-iasgairean air a’ bhliadhna so. Cha’n ’eil toradh aimsir an iasgaich uile f’ ar comhair, a chionn gu’m bi cuid ag iasgach car seachdain fathast. Ach tha e soilleir, a reir nan iomra a tha tighinn ás na puirt siar is deas, gu’n robh iad uile na bu làine ann an airgiod na bha iad an uiridh. Tha e mar an ceudna air a ràdh gu’n robh an t-iasg ann an coitcheannas glé mhath ann am brìgh. Tha na fhuaradh thar cheann fada thairis air na fhuaradh an uiridh. Tha co-fhaireachdain againn uile ris na h-iasgairean bochda a tha air aghaidh nan uisgeachan fiadhaich air son am beòshlaint; agus a tha toirt á saibhreas na fairge biadh cneasda cuideachail a tha ’na shlàinte agus ’na neart do mhìltean. Aig an àm so tha cuid shònruichte de na h-iasgairean Albannach a tha dol deas gus na cladaichean Sasunnach far am bheil dùil againn am bi buaidh is piseach leotha.—Oban Times. FACAL MU PHEARY—Mu’n robh an àireamh mu dheireadh de ’n phaipeir so aig an luchd-leughaidh bha Peary air Sidni a ruigheachd, an deigh ceithir bliadhna chur seachad anns an àirde tuath. An àm falbh bha làn dhòchas aige fein ’s aig a chàirdean gu’n rachadh aige air a’ chrann a tuath a ruigheachd; ach dh’ fhairtlich air, agus bha a thurus gun mhoran feuma. Air an t-soitheach cuide ris bha an Dotair Dederick, a dh’ fhalbh aig an aon àm ris fein, ach a dhealaich ris o chionn da bhliadhna ’s a bha uaithe sin a’ fuireach còmhla ris na h-Escimos. ’S e b’ aobhar do ’n dotair dealachadh ris gu’n deach iad bhar a cheile mu ni-eigin air nach eil aon seach aon gu ruige so a’ toirt iomraidh. Bha àireamh de bheothaichean annasach air bòrd an t-soithich, am measg chàch àireamh chon, Walrus agus Musk-ox. SIDNI A’ FAS NI ’S FHEARR?—Re nan naodh miosan a ruith dhe ’n bhliadhna so, bha sia ceud ’s ceithir fichead ’s a h-aon deug air an glacadh ’s air an cur do ’n phriosan ann an Sidni. Bha a’ mhor chuid dhiu sin air son daoraich is troimhe-cheile bh’ air aobharachadh leis an òl. An uiridh bha ochd ceud ’s ceithir fichead ’s a h-aon air an glacadh ’san ùine cheudna. Tha aon de phaipearan a’ bhaile a’ deanamh uaill á sin, ’s ag radh gu bheil am baile fàs ni ’s fhearr. Tha sinn an dòchas gu bheil, ach cha bu mhisd e dhol na b’ fhior fhearr na tha e. Agus na ’m biodh iadsan a tha ’n dreuchd ’s an ùghdarras ri ’n dleasdanas mar bu chòir dhaibh, b’ fhurasda sin a dheanamh. Cha ’n eil e ’g amharc ro-bhòidheach aon mu choinneamh gach deich no dusan a th’ anns a’ bhaile bhi dol do ’n phriosan uair ’sa bhliadhna. [TD 50] [Vol. 11. No. 7. p. 2] Naigheachdan. A’ CHEUD LUCHD UBHLAN—Dh’ fhalbh a’ cheud luchd de dh’ ùbhlan an fhoghair so á Nobha Scotia air an aonamh latha fichead de September. Bha sia ceud gu leth baraille ’s a dha ann; chaidh an cur a null do Lunnuinn. MIOS DE SHIDE BHRIAGHA—Bha sìde gle bhriagha ann fad mios September. Thainig dha no tri lathaichean mu ’dheireadh a bha fuar agus fliuch, ach a’ chuid bu mhotha dhe ’n ùine bha sìde bhlàth thioram ann. Cha’n eil sìde Cheap Breatuinn cho dona ’s a bhithear gu tric a cur air. FEIN MHORT ANN A HALIFACS—Di-sathuirne, an fhicheadaibh latha de September, chuir bean d’ am b’ ainm Caorstidh Chamaran, a bha còmhnuidh am baile Halifacs crioch air a beatha fein le paris green òl. Cha ’n eil fhios có i no ciod an t-àite as an d’ thainig i. Bha ochd ceud dolair aice ann an aon de na bancaichean. FEAR A RINN FEUM DE MHAC-TALLA—“Tha mi creidsinn nach eil moran de luchd-gabhail aig MAC-TALLA coltach riumsa. Bha mi ga ’fhaighinn o’n thainig a’ cheud àireamh dhe mach. Cha b’ urrainn dhomh an uair sin aon fhacal Gàilig a leughadh, agus cha robh agam ach fior bheagan eòlais air a’ chànain. Cha d’ fhuair mi cuideachadh bho neach sam bith, ach chnuasaich mi mach e leam fhein, agus an diugh leughaidh mi am paipeir gu ciatach, agus tha barrachd Gàilig agam ’s a shaoil leam riamh a bhiodh agam aig aois thri fichead is naodh bliadhna,”—Domhnull Domhnullach, Spokane, Wash. SINEICH AG IARRAIDH OIR—Tha cuid de na Sineich a tha ’n Ceap Breatunn ’s a bha roimhe so a cosnadh an arain làitheil a’ nigheadaireachd, air tòiseachadh ri sireadh òir. Air an Abhainn Mheadhonaich tha dha dheug dhiu ag obair gu trang gach latha, a’ togail gainmhich á grunnd na h-aibhne, ga ’nigheadh ’s a’ cruinneachadh nan gràineanan òir a gheibhear na ’measg. Bha daoine geala ris an obair cheudna beagan bhliadhnaichean roimhe so, ach ged fhuair iad òr, cha deanadh iad tuarasdal ceart ga ’thionail, agus leig iad seachad e. Faodaidh e bhith gu ’m faigh na Sineich, aig am bheil barrachd foighidin, ’s a bhios riaraichte le tuarasdail ni ’s lugha, air adhart ni ’s fhearr. BAS MHURCHAIDH MHIC-LAOMUIN—Bidh càirdean MHIC-TALLA duilich sgeula bàis a’ Ghàidheil ’s an Sgiathanaich chòir so a chluinntinn. Chaochail e aig a dhachaidh, am Bail-an-tobair, Eilean a’ Phrionnsa, air an t-seachdamh latha deug de September. Bha e tinn ùine mhor, ach cha robh a thinneas cràiteach, agus chriochnaich e a thurus ’san t-saoghal so mar gu ’m biodh e tuiteam na ’chadal. Bha e ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bantrach is naodhnar chloinne. Bha e na dhuine air an do bhuilicheadh buadhan inntinn neo-chumanta. An làithean ’òige cha d’ fhuair e ach gle bheagan sgoile, ach bha e na dhuine fiosrach, aig an robh deagh cheann-labhairt, agus a bha na chòmhraidiche fior thaitneach. Bha litir uaithe uair is uair anns a MHAC-TALLA, agus bu mhath a chòrd iad ris na leughadairean, ged nach robh iad idir ri ’n coimeas ri e-fein a chluinntinn a’ còmhradh. Bha eòlas air fad is farsuing anns an Eilean, agus far an robh eòlas air bha meas air. Bha e na Ghàidheal cho dìleas ’s a b’ aithne dhuinn riamh; bha chridhe ’n dlùth-cheangal ri dhùthaich ’s ri cainnt a shinnsir. A bhàrr air sin bha e na ’dhuine air an robh eagal Dhé, agus a dh’ fhàg an saoghal so an làn dhòchus ri bhi ’n seilbh air saoghal a’s fhearr. Na Rionnagan. Ma dh’ amhairceas neach air na spéuraibh, air oidhche chiùin, reòta, gheamhraidh, chì e mu mhile rionnag an crochadh mar lòchranaibh drilinneach os a cheann,—chì e iad de gach meud, agus soilleireachd,—cuid diubh beag agus fann, agus cuid eile dhiubh mòr, agus a’ dealrachadh le solus soilleir agus seasmhach! Ach ged nach fhaicear ach mu mhile dhiubh so leis an t-sùil luim, chithear le gloineachaibh ìnnleachdach a fhuaradh a mach, mu’n cuairt de cheud mìle, uile còmhlath! Agus cha’n ’eil an àireamh mhòr so, [?] air feadh farsuingeachd na cruitheachd, ach mar eitean gaineimh air tràigh na fàirge! Tha cuid diubh anabarrach mòr,—fichead,—leth-cheud,—mìle uair ni ’s mò na’n talamh air am bheil sinn’ a’ gluasad, agus is gann a gheibhear aon ’nam measg co beag ris! Goirear le teallsanaich rionnagan suidhichte dheth gach solus a chithear anns na nèamhaibh, ach cha’n abrar so ris a’ ghréin, agus a’ ghealaich againne, no ri aireamh bheag de reultaibh agus de ghealachaibh eile, agus de rionnagaibh-earbullach, a ta cuairteachadh na gréine. Tha na rionnagan suidhichte aig astar uamhasach, agus do-thuigsinn air falbh uainn-ne; agus an uair a smuainicheas sinn air am méud, an àireamh, an nàdur, agus an astar—cha chomas dhuinn, an sin, gun smuaineachadh air cumhachd an Ti Uile-ghlòrmhor sin “a sgeadaich na nèamha le a Spiorad.” Chum beachd a thoirt air astar nan rionnag so air falbh, ghabhadh am peileir a’s luaith’ a chaidh riamh a mach á béul gunna, ged a dh’ fhanadh e ’na dheannaibh, còrr agus muillean bliàdhna, mun ruigeadh e cuid dhiubh! Nach ceart a dh’ fheudas daoine a’ cheist a chur, Cò a rinn na nithe mora, maiseach, agus miorbhuileach so? Có, ach an Dia sin, “a rinn an talamh le ’chumhachd,—a shocruich an saoghal le ghliocas,—agus le thuisge a sgaoil a mach na nèamha.” Anameasarrachd. Ma tha gus nach ’eil an lagh ris an canar ’sa Bheurla Scott Act a deanamh math, saoilidh mi nach fhaicear toradh cho mor ’s a dh’ fhaodte na ’lorg ’sa bhaile so. Tha càirdean na stuamachd a’ togail an gutha an dràsda ’s a rithist a’ càineadh luchd-reic deoch-laidir. Am bheil an cònnsachadh sin gu buannachd? Nach b’ fhearr a bhi ’g obair na bhi bruidhinn? Tha mise deimhine na’m biodh fios aig moran de chàirdean na stuamachd air na trioblaidean a tha iomadh athair is màthair bhochd a fulang air sàilleabh an cuid mhac a tha, cho luath ’sa tha na ’n comas, ag imeachd air slighean baoth an uilc, gu’n deanadh iad barrachd mor is bruidhinn am measg a chéile. ’S iomadh pàranta truagh a tha feitheamh gu foighidneach o latha gu latha ’s o oidhche gu oidhche an dòchas gu ’m faic e a mhac fhathast na ’dhuine stuama, ’s na dòchasan sin air an siabadh air falbh, a chionn nach ’eil càirdean na stuamachd ag eiridh suas ’s a cur stad air na daoine a tha ris an obair mhallaichte a tha lagh Dhé is dhaoine a’ dìteadh. Theid aig duine a tha ’n da-rireadh air moran a dheanamh; agus ma tha Dia air a thaobh, mar a tha e anns a’ chùis so, cha ’n urrainn ifrinn fhein cur na ’aghaidh. Nach ’eil so na aobhar misnich ma ta? Tha paipearan a bhaile so a toirt cunntas air a dha ’sa tri ’s a ceithir a bhi am prìosan o latha gu latha, ach am bheil iad a cur a choire sin air luchd-reic an stuth-laidir? ’S iad nach ’eil. ’S e tha mhiann orm focal no dha a radh ris a’ mhuinntir a tha ’n aghaidh an stuth-laidir, ach nach do dh’ fhairich riamh a ghath. Dùisgibh as ’ur clò-chadail. Ma tha aon ni ’sa bhaile so a tha faighinn lamh-an-uachdair ’s e an ni sin an stuth làidir. Agus cha ’n ’eil innleachd is urrainn mac an duine a dhealbh gus cur na ’aghaidh gu moran math mur ’eil an Tighearna Dia air a thaobh. O, air sgàth an athair ’s na mathar bhochd a tha fulang gu sàmhach, deanaibh an obair so; air sgàth Latha naomh an Tighearna tha air a bhristeadh gu h-uamhasach le luchd an òil, deanamh ’ur dichioll; agus gheibh sibh a bhuaidh air a cheann mu dheireadh. Bitheadh foighidin mhath agaibh. Cha bhi ur saothair gun duais. ’S e so mo bheachdan-sa as leth cur as do stuth-laidir. Agus ma chì sibh iomchuidh an cur an clò bith[?] Turus-fairge do America. LITIR A CHAIDH A SGRIOBHADH AN 1841. Bu trom, tiamhaidh smaointean mo chridhe air dhomh a bhi call seallaidh air beanntan mo dhuthcha, ’s cha robh e ’m chomas gun mo bhròn a thaisbeanadh le deuraibh goirte ’s mi toirt m’ aghaidh air cuan farsuing America. Bha cuimhne nan làithean a dh’ fhalbh gu goirt a’ cràdh mo chridhe ’s mo chuim, ’s cha do smaoinich mi riamh gu fiosraichinn a leithid do thaiseachadh-cridhe ’s a dh’ fhiosraich mi san t-suidheachadh san robh mi nis air mo chàramh. Bha ’m bàs an déigh iomadh briseadh a dheanamh ann an àireamh mo luchd-dàimh agus eòlais; chaidh iomadh snaim fhuasgladh a bha ’gam cheangal ri tir nam beann; ach aidicheam ged bu nàmhaid dhomh gach caraid a dh’ fhàg mi as mo dhéigh dhùraiginn tilleadh a ris a dh’ fhaicinn tìr mo dhùchais agus mo ghaoil; ’s ged bha innleachdan gluasaid na luinge so ’gam ghreasad air falbh á fradharc mo dhùthcha bha aiteas orm a smaoineachadh gu faodainn a bhi air mo thoirt air m’ ais am beagan làithean a dh’ ionnsuidh a’ chòrsa bha mi nis a’ fàgail. Ach theagamh, mo thruaighe! gu faodainn mo dhùthaich a ruigheachd ni bu tùrsaiche na dh’ fhàg mi i. Chithinn iomadh briseadh agus bearn air an deanamh leis a’ bhàs—agus iadsan a dh’ fhàg mi ann an trein an neirt no ann am maise ’s an snuadh na h-òige ann an tosd muladach a’ bhàis. Bha ’n long a’ gluasad gu siùbhlach gun bhi ’n eisiomail srutha no soirbheis, oir nam bitheadh i sin dh’ fhaodadh i bhi ceithir latha fichead ris an astar a rinn i ann an ceithir uaire fichead ’nuair a rinn i falach-cuain air gach fearann. Bha i ’m bitheantas ri dà chiad gu leth mile ’sna ceithir uaire fichead, agus rinn i aon uair dlù air tri chiad mìle. Air latha na sàbaid shearmonaich ministeir òg a bha dol do Eilean a’ Phrionnsa, agus bu taitneach tiamhaidh na smaointean a dhùisg an clag a’ gairm an t-sluaigh gu aoradh Dhé air uchd a’ chuain; chruinnich gach aon a bh’ air bord, mu thuairmeas ceud gu leth, do thigh uachdrach na luinge. Bba na maraichean uile ann ach aon no dha air an robh cùram an t-soithich. Sheinneadh earrann do’n cvii. Salm, Luchd-luingeis theid air muir ’s a bhios Ri gniomh an uisge buan, ’S iad sid do’n léir mòr oibre Dhé ’Sa mhiorbhuile sa’ chuan. &c. B’e ’n ceann-teagaisg “Pilibh: c’arson a bhàsaicheas sibh?” Nochd am ministeir gach meadhon a bha ’n Tighearn a’ cleachdadh chum an t aingidh a thilleadh; gu ’n robh e gu tric a’ cur drisean an àmhghair roimhe san t-slighe Hos. ii. 6.—ach gu’m b’e ’m focal, ann an laimh an Spioraid an t-aon mheadhon éifeachdach chum na criche so. Gu ’m b’e claidheamh an Spioraid e, leis an robh Criosd a’ cosnadh ’s a’ cur a rioghachd am farsuingeachd san anam ’s anns an t-saoghal, ’s nan rachadh neach a thoirt aon uair fo shileadh an t-soisgeil gu faodadh meadhona eile bhi air an naomhachadh do’n anam agus comh-oibreachadh gus am peacach a thoirt gu aithreachas; agus cha b’ fhada gus an deachaidh an teagasg so a sparradh gu druighteach orm fhein. Dh’ eirich stoirm ghàbhaidh a thug a’ m’ chuimhne gach teagasg, gach earail a’s achmhasan a fhuair mi riamh, ’s bu chulaidh-uamhais dhomh cho beag drùghaidh ’s a rinn iad orm; bha mi cinnteach gu ’n robh an Tighearn a nis a’ labhairt rium ann an osna stoirm a’ mheadhon oidhche, mar bu bhitheanta rinn e ann an caol-ghuth ciùin focail na slàinte. Ann an turus cho goirid ’s a bh’ againn air [?] [TD 51] [Vol. 11. No. 7. p. 3] leth eadar Liverpool agus Halifax) cha mhor nithean annasach a thachair. ’Se ni bu mhò ioghnaidh leinn siubhal buadhar na luinge feadh “ghleannta crom an t-sàile” gun umhail aice ciod a’ chearn as an éireadh an soirbheas. Cha ’n eil fhios co dhiubh a’s sàbhailte na luingeis so na na luingeis sheòl, ach nam bithte cinnteach as an innleachd-ghluasaid, cha ’n ’eil teagamh nach iadsan a’s sàbhailte. Greasaidh iad ni ’s luaithe as an stoirm, tha iad làidir diongmholta, le rogha sgioba. Tha iad ann am meud ni’s mò na luingeis eile. Giulainidh iad mu thuairmeas mìle gu leth tunna. Tha seachd ciad tunna guail air bòrd aig gach aon diubh a’ fàgail Liverpool. Tha ’n luach aisig ard, ach ’s coltach gu’n islichear e ’n ùine gun bhi fada ’s gu ’n deanar an turus ann an seachduin. Tha ’n luach-aisig dlù air da fhichead punnd Sasunnach, ach cha ’n ’eil e ni ’s daoire na bha e air luingeis sheòl o cheann da fhichead bliadhna. ’S iomadh ni ’thachras san t-saoghal so. Bha e aon uair air a mheas ’na ni gun tùr, oidhirp a thoirt air cuan America le loingeas smùide—a chionn gu ’n robh muinntir am beachd nach giùlaineadh iad uiread ghuail ’s a dh’ fheumadh iad. Bheirear fhathast oidhirp air dol do Australia ’s do na h-Innsibh an Ear. Thugadh oidhirp o cheann beagan bhliadhnachan air dol do na h-Innsibh rathad Cheap an Dòchais; ghealladh duais do’n neach a thug an oidhirp—ach theirig an gual agus bha e ni b’ fhaide na ’n tim a luthasaicheadh dha. Bha iomadh aon a’ cur-iomchair air Comunn nam marsantan, (East India Company) nach robh luingeas smuide dol do Innsean na h-airde ’n Ear roimhe so. Dh’ fhàgadh a’ chùis ’nan lamhan, ach tha muinntir a’ smaoineachadh an àite ’chuis aghartachadh, gur h-ann a chuir iad gach culaidh-bhacaidh san rathad. Tha iad aig an àm so a’ togail long-smuide iaruinn ann am Bristol, an Sasunn. Giulainidh i mu thuairmeas tri mile gu leth tunna. Tha i teann air a thri uiread ri h-aon a chaidh a thogail fhathast. ’S ann gu bhi dol do America tha i, ach dh’ fhaodadh i dol do chearnaibh a’s fhaid as. Cha ’n ’eil teagamh nach faigh America agus dùthchannan eile togail nach d’ fhuair iad riamh roimhe ann am malairt ’s ann an sochairean lionmhor eile ri linn do na luingeis so oidhirp a thoirt air a’ chuan. SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. IX. CHUIR na briathran so dragh mor air an àrd-chomhairleach. Uine roimhe sid thuirt an righ ris gu ’n robh e smaointean gu ’n tugadh e a nighean dh’ a mhac ri ’pòsadh. Uime sin bha eagal air, agus cha b’ ann gun aobhar, gun atharraicheadh an righ ’inntinn, leis cho fior thoilichte ’s a bha e leis an tiodhlac ro luachmhor a fhuair e. An sin chaidh e far an robh an righ, agus chuir e cogar ’na chluais, agus thuirt e ris: “Mo thighearna, feumaidh mi aideachadh gu ’m bheil am fear a thug dhuibh an tiodhlac ro luachmhor mar so airidh air bhur nighinn. Ach tha mi ’guidhe air bhur mòrachd gu ’n toir sibh dhomh dàil thri miosan mu ’n toir sibh seachad gealladh sam bith. Tha mi ’n dòchas gu ’m bi mo mhac-sa, air am bheil meas cho mor agaibh, comasach air tiodhlac a’s fhearr na tiodhlac Aladin a thoirt dhuibh. Tha sibh eòlach air mo mhac-sa, ach cha ’n ’eil ann an Aladin ach tur choigreach do bhur mòrachd.” Ged a bha lan-fhios aig an righ nach robh e comasach do ’n àrd-chomhairleach tiodhlac bu luachmhoire na sid fhaotainn dh’ a mhac gus a thoirt seachad, dh’ eisd e ris, agus dheònaich e dha am fàbhar a dh’ iarr e. Thionndaidh e ri màthair Aladin, agus thuirt e rithe: “A dheadh bhean, bi falbh dhachaidh, agus innis do d’ mhac gu ’m bheil mi ’toirt m’ aonta do ’n iarrtus a chuir e mu m’ choinneamh. Ach cha phòs mo nighean gus am faighear gach deisealachd deante. Agus tàirngidh sin ùine thri miosan. An uair a theid an ùine sin seachad, thig an so a rithist. Thill màthair Aladin dhachaidh agus i moran na b’ aoibhniche na bha i ’smaointean a bhitheadh i, oir bha i ’n dùil nach biodh e comasach dhi cead fhaighinn air bruidhinn ris an righ; agus a bharrachd air a sin, fhuair i freagairt fhàbharrach an àite diultaidh agus aobhar nàire mar a bha i ’n dùil a gheibheadh i. An uair a chunnaic Aladin a mhàthair a’ tilleadh, dh’ aithnich e gu ’n robh naigheachd mhath aice; oir thill i na bu tràithe na b’ àbhaist dhi, agus bha aoidh air a gnùis. “Seadh, a mhàthair,” ars’ esan, “am faod mi bhith ’g àrach dòchais, no am feum mi bàsachadh ann an eu-dòchas?” An uair a chuir i dhith an sròl, agus a shuidh i ri thaobh air an t-sofa, thuirt i ris: “A mhic, air eagal do chumail fad’ ann an teagamh, faodaidh mi innseadh dhut gur ann a tha aobhar agad a bhith gle thoilichte an àite ’bhith ’smaointean air a’ bhàs.” An sin dh’ innis i dha gu ’n d’ fhuair i éisdeachd o ’n righ air thoiseach air a h-uile neach eile, agus mar sin gu ’n d’ fhuair i dhachaidh na bu tràithe. Dh’ innis i dha mar an ceudna mar a ghuidh i air an righ nach deanadh e dioghaltas oirre air son iarrtus cho mi-choltach a chur fa chomhair, agus an fhreagairt fhàbharrach a thug an righ dhi; agus, cho fad’ ’s a b’ urrainn i ’thuigsinn, gu ’n robh buaidh mhor aig an tiodhlac air inntinn an righ. “Ach an uair bu lugha ’shaoil mi,” ars’ ise, “agus an uair a bha e ’dol a thoirt freagairt dhomh, chuir an t-àrd-chomhairleach cogar ’na chluais, agus bha eagal orm gu ’m faodadh gur ann gus an righ a thionndadh ’nar n-aghaidh a bha e.” An uair a chual’ Aladin an naigheachd so, bha e ’smaointean gu ’m b’ e fhein duine cho sona ’s a bh’ air an t-saoghal. Agus thug e mile taing dh’ a mhàthair air son na ghabh i de dhragh, agus air son cho math ’s a shoirbhich leatha. Ged a bha na tri miosan gle fhada leis, chuir e roimhe gu ’n cuireadh e seachad iad cho foighidneach ’s a b’ urrainn e, o ’n a bha e ’cur làn earbsa ann am facal an righ. Ach cha b’ e mhàin gu ’n robh e ’cunntas nan làithean agus nan uairean, ach bha e cùnntais nam mionaidean mar an ceudna. An deigh do dha mhios a dhol seachad, chaidh a mhàthair do ’n bhaile air feasgar àraidh a cheannach olla. Bha greadhnachas mor anns a’ bhaile, agus gach neach a’ stri feuch co bu bhriagha chuireadh na h-uinneagan agus na taighean ann an òrdugh le ditheannan ’s le duilleach nan craobh bu mhaisiche na cheile. Bha na sràidean làn le oifigich a’ marcachd air eich bhrasa, mheanmnach air an robh srianan is diollaidean anabarrach riomhach, agus moran de luchd-frithealaidh maille riutha. Dh’ fheòraich i ciod bu chiall do ’n mhor ghreadhnachas a bh’ anns a’ bhaile. “Co as a thainig tu?” ars’ am fear a bha ’reic na h-olla rithe. “Nach cual’ thu idir gu ’m bheil mac an àrd-chomhairlich a’ dol a phòsadh nighean an righ a’ nochd? Tha i gu tilleadh air ais gun dàil as an taigh-fharagaidh, agus tha na h-oifigich a tha thu ’faicinn, a’ feitheamh gus an tig i, agus leanaidh iad i do ’n lùchairt far am bheil am pòsadh gus a bhith air a dheanamh. An uair a chuala màthair Aladin so, ruith i dhachaidh cho luath ’s a b’ urrainn i. “A mhic,” ars’ ise, “tha thu caillte! Tha thu ’cur earbsa ann am facal an righ, ach cha bhi dad agad air a shon.” Bha Aladin ann an staid eagalaich an uair a chual’ e so. “A mhàthair,” ars’ esan, “cia mar a tha fhios agaibh gu ’n do bhrist an righ air a ghealladh?” “An nochd fhein, tha mac an àrd-chomhairlich a’ dol a phòsadh nighean an righ.” An sin dh’ innis i dha na chual’ i, agus thuig e gu ’n robh a’ chùis coltach gu ’n tachradh mar a dh’ innis i dha. Chuir so dragh anabarrach mor air Aladin. Agus chuireadh an naigheachd so duine sam bith eile ’na bhreislich buileach glan. Ach anns an àm chuimhnich e air a’ chrùisgein, a bha roimhe sid gle fheumail dha. Agus gun aon fhacal a radh le feirg mu dheidhinn mar a rinn an righ, an t-àrd-chomhairleach, agus a mhac air, thuirt e: “Is docha nach bi mac an àrd-chomhairlich cho sona ’nochd ’s a tha e ann an dùil. Fhad ’s a bhios mise tiotadh ’nam sheòmar fhin, faighibhse deiseil ar suipear.” Chaidh i ’dheasachadh na suipearach, agus bha amhrus aice gu ’n robh a mac a’ deanamh feum dhe ’n chrùisgein a chum, nam bu chomasach e bacadh a chur air a’ phòsadh. An uair a chaidh Aladin do ’n t-seòmar, thug e suathadh air a’ chruisgean, agus ann an tiotadh bha ’m fathach air a bheulaobh, agus thuirt e ris: “Ciod a tha dhith ort? Tha mise deas gus ùmhlachd a thoirt dhut mar do sheirbhiseach, agus seirbhiseach nan uile aig am bi an crùisgean nan làmhan; mise agus seirbhisich eile ’chrùisgein.” “Eisd rium,” ars’ Aladin; “gus a so thug thu ugam am biadh a bha dhith orm; ach a nis tha obair anabarrach cudthromach agad ri dheanamh dhomh. Dh’ iarr mi nighean an righ air a h-athair ri ’pòsadh; gheall e ’toirt dhomh an ceann tri miosan; agus an àite cumail ri ’ghealladh, tha e nochd, ged a tha na tri miosan gun dol seachad fhathast, ’g a toirt do mhac an àrd-chomhairlich ri pòsadh. Tha mi direach air an naigheachd so a chluinntinn, agus tha mi ’creidsinn gu ’m bheil i fior. Cho luath ’s a theid fear na bainnse agus bean na bainnse a laidhe, bheir thu iad fhein agus an leaba ann an so.” “A mhaighstir,” fhreagair am fathach, bheir mi ùmhlachd do bhur n-àithne. Am bheil àithne sam bith eile agaibh ri thoirt dhomh? “Cha ’n eil an drasta,” ars’ Aladin; agus chaidh am fathach as an t-sealladh. Chaidh Aladin sios an staidhre, agus ghabh e ’shuipear còmhladh ri ’mhàthair, agus coltas air a bhith cho stolda ’na inntinn ’s a ’b àbhaist dha; agus an deigh na suipearach bha e ’bruidhinn mu phòsadh nighean an righ mar nach biodh e ’cur suim sam bith ann. ’Na dheigh sin chaidh e d’ a sheòmar fhein, agus chaidh a mhàthair a laidhe. Ach dh’ fhan esan air a chois gus an d’ rinn am fathach mar a dh’ àithneadh dha. Aig a’ cheart àm bha ullachadh mor ’g a dheanamh ann an lùchairt an righ air son na bainnse; agus gus an robh e meadhain oidhche, bha ’n ùine air a cur seachad leis gach deas-ghnath agus greadhnachas a bha freagarrach air son a leithid de chòmhdhail. Aig a’ mheadhain-oidhche, dh’ fhalbh mac an àrd-chomhairlich gu bog, balbh as a’ chuideachd ghreadhnaich an uair a sméid aon dhe na caillteanaich air, agus thugadh e do ’n t-seòmar cadail aig nighean an righ. Chaidh e do ’n leabaidh an toiseach, agus ann am beagan ùine thainig a’ bhanrigh agus na [TD 52] [Vol. 11. No. 7. p. 4] mnathan-coimhideachd le bean na bainnse; ach cha b’ ann gun stri. A reir mar a bha cleachdte, dh’ fheumadh a h-uile bean bainnse leigeadh oirre gu ’n robh i, am muigh ’s am mach, an aghaidh a dhol a laidhe còmhladh ri fear na bainnse. Ach a dh’ olc no dh’ eiginn gu ’n d’ fhuair na mnathan a bha ’g a cur a laidhe, thug i dhith a h-aodach, agus chuir iad do ’n leabaidh i. Agus an deigh do ’n bhanrigh a pògadh, agus oidhche mhath fhagail aice, chaidh i ’mach as an t-seòmar, agus ghlasadh an dorus. Cha bu luaithe ’dhruideadh an dorus na thainig am fathach mar a gheall e do Aladin, agus sguab e leis iad fhein ’s an leaba mar a bha iad, agus ann an tiotadh thug e iad do ’n taigh aig Aladin. Bha Aladin gle neo-fhoighidneach a’ feitheamh gus an tigeadh am fathach, agus cha do leig e le mac an ard-chomhairlich a bhith fad’ anns an leabaidh còmhladh ri nighean an righ. “Thoir leat an duine so a th’ air ur-phòsadh,” ars’ Aladin ris an fhathach, “agus glas ann an stabull e, agus thig an so am màireach aig soilleireachadh an latha.” Anns a’ mhionaid thog am fathach leis mac an àrd-chomhairlich as an leabaidh mar a bha e, agus chuir e e far an d’ òrdaich Aladin dha. Sheid e anail air a chum nach biodh e comasach air gluasad as an ait’ an robh e. Ged a bha gaol mor aig Aladin air nigheau an righ, cha d’ rinn e moran bruidhne rithe an uair a dh’ fhàgadh ’nan ònar iad; ach thuirt e rithe: “Na biodh eagal sam bith ort, a bhana-phrionnsa ghràdhach; tha thu sàbhailte gu leòr ann an so; oir ged a tha gaol anabarrach mor agams’ ort, bheir mi dhut gach meas agus urram air am bheil thu dligheach. Ged a b’ fheudar dhomh deanamh mar a rinn mi, cha ’n ’eil e ’nam bheachd masladh sam bith a thoirt dhut. Is e ’tha ’nam bheachd bacadh a chur air fear eile greim fhaotainn ort, o ’n a gheall an righ do thoirt dhomh ri d’ phòsadh.” Cha chuala nighean an righ riamh gu ’n do gheall a h-athair a toirt mar mhnaoi do dh’ Aladin, agus mar sin cha do chuir i a’ bheag de shuim anns na labhair e. Ghabh i a leithid a dh’ eagal agus a dh’ ioghnadh o na thachair dhi ’s nach tugadh i freagairt sam bith dha. Ach air a shon sin, chuir e dheth a chuid aodaich, agus chaidh e laidhe, agus chuir e an claidheamh anns an leabaidh ri ’taobh mar chomharradh gu’n robh e toilltionnach air a bhas nan cuireadh e dragh sam bith oirre. Bha Aladin gle thoilichte a chionn gu ’n deachaidh aige air mac an àrd-chomhairlich a mhealladh cho mor, agus chaidil e gu math trom. Ach cha do chuir nighean an righ seachad oidhche riamh ’na beatha cho neo-shona rithe sid. Agus ma bheir sinn fa near an suidheachadh anns an d’ fhàgadh mac an àrd-chomhairlich, faodaidh sinn a thuigsinn gu’n robh e ann an staid moran na bu mhiosa. Cha robh aobhar sam bith aig Aladin air an crùisgean a shuathadh gus am fathach a ghairm. Thainig e aig an uair ainmichte, direach an uair a bha Aladin an deigh cur uime, agus thuirt e ris: “Tha mi an so, a mhaighstir; ciod i an àithne ’tha sibh a’ toirt dhomh?” “Bi falbh,” ars’ Aladin, “agus thoir mac an àrd-chomhairlich as an aite ’s an do chuir thu e, agus cuir a rithist anns an leabaidh so e, agus thoir an leaba rithist do luchairt an righ, agus fàg i far an d’ fhuair thu i.” Ann an tiotadh thainig am fathach air ais le mac an ard-chomhairlich. Thug Aladin an claidheamh as an leabaidh, agus chuireadh fear na bainnse ’na laidhe ri taobh nighean an righ. Agus ann an tiotadh thug am fathach an leaba gu ruige luchairt an righ, agus dh’ fhàg e i far an d’ fhuair e i. Ach feumaidh sinn a thoirt fa-near nach fhaca nighean an righ no mac an ard-chomhairlich am fathach idir. Chuireadh a chruth oillteil am bàs orra nam faiceadh iad e. Cha mho na sin a chual’ iad facal dhe ’n chòmhradh a bh’ eadar Aladin agus am fathach. Mhothaich iad gu ’n robh an leaba anns an robh iad ’nan laidhe a’ gluasad o aon àite gu àit’ eile; agus faodar a thuigsinn gu ’n do chuir so eagal gu leòr orra. (Ri leantuinn.) NA GAIDHEIL AN CEAP BREATUNN. AM measg nan Gàidheal, anns gach dùthaich sam bheil iad, is tric a chluinnear a bhi gearain air na fasanan Gallda. Tha iad a’ tolladh a stigh a lion beagan is beagan, a’ cur nan seann fhasanan Gàidhealach air chùl, agus cha ’n urrainnear am bacadh. Tha an ni ceudna ’dol air adhart ann an dùthchannan eile, fasanan is cleachdaidhean nan dùthchannan beaga a’ dol á sealladh ’s fasanan is cleachdaidhean nan dùthchannan mora a’ gabhail an àite. Is dual do ’n chùis leantuinn mar sin, gus mu dheireadh thall am bi a mhor chuid de ’n t-saoghal mar aon dùthaich agus mar aon sluagh, air-neo gus an gabh muinntir gach dùthcha aithreachas ’s am pill iad gu gnàths an aithrichean fein. Cha mhor a smaoinicheadh gu ’n deanadh atharrachadh fasain sluagh treun, tir-ghràdhach mar bha na Gàidheil a chur air imrich thar cuain, ach cha ’n eil teagamh nach b’ e ’n t-atharrachadh cleachdaidh a thainig orra mar shluagh an deigh Bliadhna Thearlaich is coireach gu bheil an eachdraidh ghoirid so ri sgriobhadh an diugh. Gu ruige ’n t-àm sin bha na Gàidheil air an roinn na ’m fineachan, anns an robh gach ceann-feadhna mar athair teaghlaich mhoir agus an fhine uile mar chloinn dha. Anns na làithean sin b’ i toil a chinn-fheadhna ann an tomhas mor toil na fine, agus b’ e math na fine math a’ chinn-fheadhna. An àm togail creiche no toirt a mach tòrachd bha iad mar aon duine: an àm sìthe bha gach duine na ’thuathanach, agus an àm cogaidh bha gach duine na ’shaighdeir. Agus cha ’n eil teagamh mur biodh Bliadhna Thearlaich, nach biodh a mhor chuid de na Gaidheil air fuireach an tir na beann, ’s nach biodh an sliochd an sin an diugh ag iasgach, a’ sealg ’s a’ dol air àiridh mar bu nòs ri linn Dhonnachaidh Bhàin. Ach cha b’ e sin a bha ’n dàn dhaibh. Bha rompa sgapadh air feadh an t-saoghail, agus bha blàr Chuilfhodair agus na reachdan cruaidhe Sasunnach a thàinig na dhéigh coireach ri obair an sgapaidh a thòiseachadh. Na ’n robh iad air am fàgail fo ’n t-seann òrdugh, an saorsa nam beann, cha mhor dhiubh a ghluaiseadh gu bràth á dùthaich an sinnsireachd, ach fo ’n òrdugh ùr chuireadh eiginn orra. Bha ’n t-sìth a chumail o bhliadhna gu bliadhna, gun chothrom falbh is tighinn mar a chleachd iad, ro-chuingeil leotha. Bhristeadh na bannan dàimh is dìlseachd a bha roimhe sin a’ ceangal nam fineachan ris na cinn-fheadhna. Cha ’n fhaodadh an ceann-feadhna a shluagh a ghairm a mach gu cogadh ni b’ fhaide, agus a lion beagan is beagan thainig e gu bhi call a dhreuchd mar athair a shluaigh ’s gu bhi fàs na uachdaran fearainn, ’s iadsan na ’n tuath bhig ’s na ’n croitearan. Dh’ fhadaidh so an cridheachan an t-sluaigh spiorad an-fhois, agus mu ’n do ruith moran bhliadhnaichean thòisich buidhnean beaga dhiubh ri dhol air imrich thar cuain. Thòisich na cinn-fheadhna aig an àm cheudna ri barrachd dhe ’n ùine chur seachad air a’ Ghalldachd, agus an sin bha iad a’ cur cùl ri cleachdaidhean na Gàidhealtachd, ’s a’ call an eòlais air an luchd-cinnidh. Agus mar bha iad a’ call an eòlais orra bha iad a’ call am bàigh riutha ’s mar sin air an ullachadh air-son na rinn iad an ceann tìme. Ann am frithealadh nan cruinneachaidhean greadhnach is fleadhach anns na bailtean-mora, rinn moran dhiubh ana-caitheamh air am maoin. Cha robh an sporanan ro throm, ach ged nach robh, dh’ fheumadh iad ceum a chumail riuthasan aig an robh saoibhreas. Bha iad mar sin bliadhna ’n deigh bliadhna a’ dol anns na fiachan, agus air a cheann mu dheireadh b’ fheudar do iomadh fear dealachadh ris an oighreachd a fhuair e o shinnsir, ’s a bhuineadh air tùs do ’n fhine cho math ’s a bhuineadh i do ’n cheann fheadhna. Aig an àm a bha so a’ tachairt bha pris mhor air caoraich ’s air crodh, agus air son an crannchur a leasachadh, thòisich iad ri cumail spreidhe ’s chaorach. Agus nuair bha am fearann a fàs gann, thòisich iad ri fògradh an t-sluaigh air-son tuilleadh àite dheanamh do na h-ainmhidhean. B’ ann air am fògradh mar so a bha moran dhiubhsan a shuidhich ann an Canada. Gun teagamh thainig moran eile de shaors’ an toile fein, air dhaibh a bhi faotainn misnich uapasan a bha bhos rompa; ach faodar a bhith cinnteach mur biodh na ceud bhuidhnean a thainig a nall air an cur ann dh’ an aindeoin nach biodh ann an Canada an diugh ach àireamh gle bheag de shliochd nan Gàidheal. B’ ann mu ’n bhliadhna 1784 a thòisicheadh ri fògradh nan Gàidheal. Thatar a’ cur air Diuc Atholl gu ’m b’ e theann ris an obair an-iochdmhor sin an toiseach, ach cha b’ fhada bha e rithe nuair a ghabh cinn-fheadhna eile ’eisimpleir. Chaidh an sluagh fhògradh á Srath-ghlas, á Gleann-garaidh, á Cnòideart ’s á Lochabar eadar 1784 is 1805. An deigh sin bha moran air an cur air falbh á Cataobh. Agus anns na h-Eileanan: bha eilean Ruim air fhàsachadh ’sa bhliadhna 1826, agus Eilean nam Muc an 1828. A Uidhist a chinn a tuath bha moran air am fògradh ’sa bhliadhna 1849, agus á Uidhist a chinn a deas ’s á Barraidh an 1851. Bha so uile air a dheanamh a chum àite dheanamh do chrodh ’s do chaoraich. Bha Galldachd na h-Alba agus Sasunn freagarrach air-son togail arbhair, ach beanntan àrda na Gàidhealtachd bha iad na b’ fhearr gu togail cruidh is chaorach; agus smaoinich sealbhadairean an fhearainn gu ’m bu mhath an cothrom air saoibhreas a chur ri cheile na ’m faigheadh iad an tuath dhùthchasach a chur air falbh agus na beanntan far am b’ àbhaist crodh nan tuathanach a bhi air àiridh ’san t-samhradh a chur fo chrodh ’s fo chaoraich. Cha ’n eilear an so a’ dol a thoirt iomraidh air gach fòirneart is ana-ceartas a dh’ fhuiling an sluagh bochd so a fàgail an dùthcha. Cha mho a bheirear breth orra-san a bha ri obair an-iochdmhor an fhògraidh. Thugadh breth air a’ mhor chuid dhiubh cheana le breitheamh a’s àirde na breitheamhna na talmhainn. Tha cuid dhiubh air an dubhadh as gu buileach, gun aon de ’n sliochd beò air thalamh, agus cuid eile a dh’ fhàg sliochd aig nach eil òirleach de dh’ oighreachd an sinnsir. Faodaidh ana-ceartas is eucoir lamh-an-uachdar fhaotainn air ceart is còir, ach eadhon anns an t-saoghal so cha teid luchd na h-eucoir as o pheanas. Agus an diugh is fior ainneamh an oighreachd Ghàidhealach a tha ’n seilbh sliochd nam feadhnach bu choireach ris an fhògradh. Bhiodh e ceart ainmeachadh an so gu ’n robh moran de na cinn-fheadhna nach do chuir eigin sam bith air an t-sluagh an oighreachdan fhàgail. Chuidich iad leothasan a bha deònach falbh, ach [TD 53] [Vol. 11. No. 7. p. 5] dhéilig iad gu caoimhneil, ceart riuthasan a dh’ fhuirich; agus an diugh tha sliochd nan ceann-fheadhna sin ’s an sluagh a tha air an oighreachdan a faighinn air adhart gu sìtheil, càirdeil, gun aon taobh a faotainn coire d’ an taobh eile. Anns an t-seann dùthaich cha robh crannchur ar n-aithrichean ach car bochd a reir ar barail-ne a tha air ar cleachdadh ri pailteas is goireasan an latha ’n diugh. Bu tuathanach mor esan aig an robh deich no dusan acaire fearainn, deich no dusan mart, is treud beag chaorach. Bha iad a’ còmhnuidh ann an taighean tubhte anns nach robh bhar dha no tri sheòmraichean, cuid anns am biodh simealair ’s cuid anns nach bitheadh. Bha iad a dh’ easbhuidh iomadh ni air am bheil an sliochd anns an dùthaich so ag amharc mar nithean nach gabh deanamh as aonais, ach cha ’n eil sin ag radh nach robh iad ann an tomhas mor sona. Mur robh aca gach goireas is grinneas air an cuir sinne feum, bha aca ni a b’ fhearr, a bhi toilichte le ’n staid. Mur robh iad beairteach, cha robh eòlas aca air, agus mar sin cha robh iad ga ’ionndrainn. Bha ’m pailteas bidh is aodaich aca, bha slàint is fallaineachd aca, agus bha iad a’ mealtuinn sith is càirdeis am measg a chéile. Rinn an dòigh so air an robh iad a’ tighinn beò anns an t-seann dùthaich an ullachadh air son am beòlaint a dheanamh anns an dùthaich ùir. Bha iad cleachdte ri siubhal fraoiche ’s ri dìreadh mhonaidhean, ri ruamhar ’s ri buain mòine, agus rinn an cleachdadh sin an cruadhachadh fa chomhair siubhail chnoc is ghleann, bàireadh sneachd, is gearradh coille na dùthcha so. Bha iomadh deuchainn is cruadal rompa air an taobh so dhe ’n chuan mhor, agus chaidh an ullachadh air an son leis an Ti sin nach do chuir riamh uallach air druim nach robh comasach air a giùlain. Thainig iad a nall nan grunnan beaga o bhliadhna gu bliadhna, luchd luinge am bliadhna, da luchd an ath-bhliadhna, agus luchd no dha eile an treas bliadhna. Cha robh iomradh air soithichean smùide ’s na h-amannan sin, agus cha robh na soithichean-seòlaidh ach mall agus neo-chinnteach. Bha iomadh ànradh ri fhulang a bharrachd air an tinneas-mhara. Bha moran de na sgiobairean nach robh os-ceann an cothrom a ghabhail air na daoine bochda a bha ’g earbsa am beatha ’s an cuid riutha ’san imrich. Cha b’ ann air Ceap Breatunn a thug na Gàidheil an aghaidh an toiseach. B’ e an t-àite mu dheireadh do ’n do thòisich iad ri tighinn. Shuidhich moran diubh air Eilean a’ Phrionnsa cho tràth ri 1769, agus ceithir bliadhna ’n deigh sin rainig a’ cheud soitheach imrich Pictou. Ach ged bha iad a’ taomadh a nall do ’n da àite sin gach bliadhna ’n deigh sin, cha d’ thainig aon do Cheap Breatunn gu ceann còrr is fichead bliadhna. B’ ann eadar 1791 is 1795 a thainig àireamh dhiubhsan a bha air fearainn a thogail air tìr-mor thairis air Caol Chanso do Cheap Breatunn, agus a shuidhich iad air a chladach an iar, cuid timchioll Shiudaig ’s cuid eile mu acarsaid Mhabou. Beagan bhliadhnaichean an deigh sin thòisich soithichean ri tighinn gu taobh an ear an eilein. Rainig a cheud té Sidni ’sa bhliadhna 1802, air an t-siathamh latha deug de cheud mhios an fhoghair. Bha oirre so ceud is ceithir teaghlaichean—mu thri cheud pearsa eadar shean is òg. An deigh sin bha na soithichean a’ tighinn gu math tric, agus bha Ceap Breatunn a lionadh suas cho bras’sa bha an t-Eilean is tir-mor roimhe sin. An deigh na bliadhna 1828 cha robh na h-uiread dhiubh a’ tighinn, agus anns a bhliadhna 1843 thainig an soitheach mu dheireadh agus sguir imrich nan Gaidheal do Cheap Breatunn. “Is beag fios aig fear an tàimh air ànradh fear na mara.” Tha so fior d’ ar taobh-ne tha beò an Ceap Breatunn an diugh agus nach fhaca ’s nach d’ fhuiling gach cruaidh-chàs is cruadal is ànradh troimh ’n deachaidh ar n-aithrichean. Thainig a’ mhor chuid dhiubh a nall gun aca air chùl an làimhe na chumadh beò gu ceann bliadhna iad, agus cha robh aca ach dol a ghleachd ris a’ choille air-son am beòlainte. Anns a’ cheud dol a mach bha iad a’ togail bhothan anns an deasaicheadh iad biadh ’s anns an caidleadh iad gus am biodh na ’n comas taighean a b’ fhearr a chur suas. An deigh so mar gheibheadh iad ùine ’s cothrom romh thoiseach a’ gheamhraidh, bha iad, le cuideachadh nan coimhearsnach, ma bha iad ann, cuideachadh nach deacha riamh iarraidh gun fhaotainn, a’ togail taighe b’ fhearr, ged a shaoileadh àl an latha ’n diugh nach robh am fearr ann. Bhiodh an taigh so air a dheanamh air logaichean air an càradh air a chéile ’s na sgaran eatorra air an calcadh le còinnich, maidean snaidhte no bùird shàbhte mar ùrlar, agus am mullach air a thubhadh le cairt nan craobh. Bhiodh simileir ’s an darna ceann de ’n bhothan so, a’ cumail blàiths is soluis ris an teaghlach. Bha a’ choille pailt, agus cha bhiodh dìth connaidh orra. B’ e cheud bàrr a chuireadh iad mar bu trice buntàta, agus ’s e sin le annlan éisg is sithne bu bhiadh dhaibh roinn mhor de ’n bhliadhna. An ceann bliadhnna no dha bhiodh iad a cur coirce, crithneachd is eòrna, agus thòisicheadh iad ri cumail beagan spreidhe is chaorach. Bha na h-eòin ’s beothaichean beaga na coille na ’n naimhdean do ’n bharr agus na fiadh-bheothaichean mora do na h-ainmhidhean; b’ iomadh pairce bheag sìl a chuireadh a dholaidh leis na feòragan; b’ iomadh mart mhath is caora a rinn féisd an garaidh a mhathain. Ré nam bliadhnaichean a bha iad a’ cìsneachadh na coille cha robh iad gun an cuid fein de dheuchainnean an t-saoghail, deuchainnean is cruadalan air nach eil eòlas sam bith againne, agus ris nach bitheamaid deònach seasamh. Ach a dh’ aindeoin sin, bha toileachas-inntinn na ’m measg air am bheil sinn mar an ceudna aineolach, agus ràinig àireamh nach bu bheag dhiubh aois mhor mu ’n deach an gairm air falbh, aois nach ruig iadsan a tha tighinn beò ann am pailteas an sògh ’s ar latha-ne. Mar a shiubhail na bliadhnaichean shiubhail a’ choille mhor; dh’ fhàs na h-àiteachan réitichte na bu mhotha, agus dhlùthaich iad ri cheile. A lion fear is fear chaidh na taighean logaichean fhàsachadh, agus ghabh an sluagh còmhnuidh ann an taighean bu mhotha, bu shoilleire agus a b’ fhearr. Dh’ fhàs an spreidh ’s na caoraich na bu lionmhoire, agus shoirbhich le laimh an dichiollaich. Dh’ fhosgladh rathaidean air feadh na dùthcha, thogadh taighean sgoile agus eaglaisean. Gun teagamh dh’ fhaodadh iomadh adhartas tighinn air an dùthaich nach d’ thainig oirre; ach co an dùthaich mu nach faodar sin a ràdh? Agus cha ’n i h-uile dùthaich mu ’m faodar a radh gu ’n do thionndaidh i o bhi na ’dùthaich choilltich, fhàsail, gu bhi na ’dùthaich thoraich, àitichte, anns am bheil moran a’ deanamh beairteis, agus anns nach eil ach gle bheag de dh’ fhior bhochdainn, mar a dh’ fhaodar a radh le fìrinn mu Cheap Breatunn. Bhiodh iad air barrachd adhartais a dheanamh na ’n robh iad air leantuinn ris an fhearann na b’ fhearr na rinn iad. Ach tha iomadh bliadhna o’n thòisich an òigridh ri fàgail dùthaich an àraich mar a dh’ fhàg an aithrichean dùthaich an sinnsir. Tha bailtean nan Staidean agus na tuarasdail mhora thatar a’ pàigheadh an caochladh chearnan ga ’n tarruing air falbh o’n dachaidhean. Is àireamh gle bheag dhiu aig nach eil dùil ri tilleadh an àm falbh, agus tha moran a deanamh sin, ach ’s ann an deigh dhaibh làithean an tréine ’s an spionnaidh a chur seachad ann an tìr chéin, agus tha na fearainn, a bha ré na h-ùine sin air am fàgail am freasdal sheann daoine, air dol a dholaidh cho mor ’s gu ’n gabh iad iomadh bliadhna de chruaidh chosnadh mu ’n toir iad beòlainte cheart a rithist. Faodaidh e bhith gu ’n atharraich so fhathast, ’s gu ’n gabh iadsan a tha aig an àm so a’ deanamh tàir air obair fearainn tlachd innte. Ged tha cuid dhe na dh’ fhalbh air soirbheachadh gu math, tha a’ chuid a’s motha nach do leasaich an crannchur idir, a tha na ’n luchd-gearraidh fiodha ’s tarruinn uisge do choigrich nuair dh’ fhaodadh iad a bhi na ’n tighearnan air an cuid fearainn féin, gun dìth ’s gun deireas. Ach a dh’ aindeoin an fhalbh so, a tha air a chuideachadh gu mor le spiorad na h-an-fhois a fhuair na Gàidheil òga mar dhìleab bho ’n aithrichean, cha ’n eil na h-uiread a’ fàgail ’s gu bheil an t-eilean a sgur de bhi Gàidhealach. Ged tha na fearainn ann an iomadh aite air an dearmad, cha’n eil iad air an creic no a’ tuiteam an lamhan mhuinntir eile. Mar so tha gach àite bha air a thogail le Gàidheil an toiseach, ann an seilbh Ghàidheal fhathast, agus bithidh gus an dealaich riutha an gràdh ’s an ceangal ri dachaidh na h-òige a bha riamh fuaighte ri nàdar a Ghàidheil. Thatar a’ meas gu ’n d’ thainig air imrich do Cheap Breatunn uile gu leir mu choig mile fichead de na Gaidheil. Tha a thri uiread sin dhe ’n sliochd ann an diugh mur eil an còrr, agus faodar a radh gun a dhol bhar na fìrinn gu bheil da thrian dhiubh sin aig am bheil Gàilig. Tha cearnan dhe ’n eilean anns am bheil an sluagh na ’n cainnt cho Gàidhealach ’s a gheibhear ann an cearna sam bith de Ghàidhealtachd na h-Alba. Tha iad air an dòigheannan atharrachadh, oir tha iad a’ cur eòlais air goireasan air nach eil iadsan a dh’ fhàgadh thall, ach na ’n cainnt ’s na ’n còmhradh tha iad fhathast cho Gàidhealach ri fàd mòine. Gheibhear sgìreachdan anns am bheil an sluagh, sean is òg, comasach gu leòr air Beurla labhairt, ach eatorra fein agus ri fear-cuairt aig am bi i, cha chleachd iad am bitheantas ach a’ Ghàilig. Ma tha Ghàilig a dol a dh’ fhaighinn bàs ann an Ceap Breatunn cha ’n ann air chabhaig. Tha an latha air siubhal anns am biodhte deanamh tàire air an t-seana chainnt so eadhon le a càirdean. Aireamh bhliadhnaichean air ais, nuair bha eòlas gann, agus am fear aig an robh beagan Beurla air a mheas na ard-sgoileir, cha robh iad tearc a theireadh gu ’m bu chòir cur as do ’n Ghàilig. Cha chluinnear daoine labhairt air a mhodh sin an diugh. Tha iad a’ toirt fa near mar nach robh muinntir an ama sin gu bheil cothrom aig fear da chainnt nach eil aig fear na h-aon chainnt ann an toirt a mach foghluim. A bhàrr air sin gur i cainnt an sinnsir, anns am bheil moran de ’n eachdraidh agus an t-iomlan de ’n litreachas ri fhaotainn, agus gur cainnt i air am bheil àrd fhoghlumaichean a’ cur luach mor, agus mar sin fein gu ’m bu mhor am beud a leigeil bàs gun deagh aobhar. Gu leigeil fhaicinn cho fior Ghàidhealach ’s a tha Ceap Breatunn, faodar iomradh a thoirt air àireamh nan àiteachan sam bheil Gàilig air a searmonachadh ’s air a cleachdadh an co-cheangal ri nithean cràbhach. Buinidh na Gàidheil gu ire bhig uile do dha eaglais, an Eaglais Chléireach, agus an Eaglais Chaitliceach. Aig na Cléirich tha air an eilean naodh deug air fhichead eaglais is àite-searmonachaidh, agus cha ’n eil ach sia dhiu sin anns nach eil Gàilig air a searmonachadh. Aig àm a bhi ’sgriobhadh so tha cóig deug air fhichead ministeir suidhichte aca, agus tha naodh air fhichead dhiu a’ searmonachadh Gàilig. Aig [TD 54] [Vol. 11. No. 7. p. 6] na Caitlicich tha seachd deug air fhichead paraiste, agus cha ’n eil ach sia dhiu gun Ghàilig. Tha da fhichead is aon sagart aca ann an seirbhis, agus is luchd Gàilig a h-aon deug air fhichead dhiu. Na ’n rachamaid gu luchd-na-pàrlamaid chitheamaid gur Gàidheil is luchd Gàilig ceathrar de ’n choignear a tha sinn a’ cur do àrd-phàrlamaid Chanada, agus cóignear de ’n ochdnar a tha ’dol do phàrlamaid Nobha Scotia. Agus do thaobh nan comhairleach, de ’m bheil ann an comhairlean nan ceithir siorrachdan tri fichead is ochd deug—’s co ghearaineadh air an gainnead?—is Gàidheil a bhruidnneas Gàilig leth cheud ’sa h-ochd. Agus cha bu chòir a leigeil á cuimhne gur ann an Sidni, ceanna-bhaile an eilein, a tha ’n aon phaipeir Gàilig a tha air uachdair an t-saoghail—am MAC-TALLA. Ann an caochladh chearnan de ’n eilean tha na Gàidheil a thainig as na h-aon àiteachan air suidheachadh còmhladh. Ann am Mira, sgìreachd mhor a tha deas air Sidni, cha ’n fhaighear ach Uidhistich; ann an St. Ann’s, an siorrachd Bhictoria, agus aig na Caoil Bheaga gheibhear muinntir Leodhais ’s na h-Earradh; aig Grand River, is àiteachan eile timchioll air, gheibhear muinntir Ghearrloch is Loch Aills—tha grunn theaghlaichean á Gearrloch mar an ceudna air Beinn nan Gearrloch; tha àireamh de na Sgiathanaich timchioll Hogamah ’s air cùl Bhaddeck; tha na Barraich air taobh deas Lochan a Bhras d’Oir, ’s air an taobh tuath eadar Sidni ’s na Caoil Mhora; tha Muileich, Collaich, Rumaich, Tirisdich is Mucanaich an ceann a deas siorrachd Inbhirnis; agus Abraich, Mor-thirich, is Cnòideartaich an cois a’ chladaich o Chaolas Chanso gu Margaree. Gheibhear cuid de na h-àiteachan air an ainmeachadh air àiteachan anns an t-seann dùthaich: Beinn Leòdhais, Loch Uidhist, Gleann Bharra, Gleann is Beinn nan Sgiathanach, Beinn nan Gearrloch, an Abhainn Mhuileach, an Tairbeart, Sollas, Baoghasdal, Gleann-comhann, &c. Cha ’n eil na h-ainmean Gàidhealach, co-dhiu, cho lionmhor ’s a shaoileamaid a bhitheadh iad, gu seachd sonraichte o ’n bha cuid de na h-àiteachan gus o chionn ghoirid a’ dol fo ainmean cho mi-fhreagarrach ris “An Eiphit,” “Sodom,” “An Tuirc,” is “Bengal,” ged a b’ fhearr iad sin féin na na h-ainmean àrd-fhuaimneach gun bhrìgh, gun bhlagh, a thugadh air iomadh àite o chionn beagan bhliadhnaichean. Cha ’n urrainnear anns an eachdraidh ghoirid so sgriobhadh gu mionaideach mu gach car a chuir na Gàidheil dhiù o ’n dh’ fhàg iad tir nam beann gus an latha ’n diugh, ach thugadh ionnsuidh air cùnntas aithghearr agus firinneach a thoirt air an imrich—an càradh ’san dùthaich thall—na nithean a ghluais iad gu falbh aisde—na deuchainnean troimh ’n deachaidh iad a’ deanamh dhachaidhean dhaibh fein ’san dùthaich so—agus an soirbheachadh a chuir am freasdal orra féin ’s air an cloinn o ’n shuidhich iad air tùs anns a “choille ghruamach.” PIOBAIREACHD. EARANN III. LE IAIN MAC NEILL. BHA Clann ’Ic Aoidh nam Piobairean aig Tighearnan Ghearloich fad ùine mhor. Bha daoine am barail gur h-e Ruairidh Dall a bu dlùithe thigeadh air Mac-Cruimein na linn, ach chuir e a mhac Iain ris an canar gu coitchionn am Piobaire Dall a dh’ fhaotuinn ionnsachaidh o Pharaig Og MacCruimein agus dh’ fhuirich e leis beagan bhliadhnachan. Bha aig an àm so ’h-aon-deug eile ag ionnsachadh na Piobaireachd aig MacCruimein agus ann an ùine gle bheag thug am Piobaire Dall barr orra uile. Dhùisg so mi-rùn dha am measg nam Piobairean eile, agus thilg iad thar creig e, ceithir troighe fichead air airde, latha bha sin, ach thuit e air a chasan ’s cha d’ eirich beud dha. Tha an t-àite air a chomharachadh a mach, agus theirear “Leum an Doill” ris fhathast. ’N uair nach bitheadh na Piobairean eile a deanamh gu ro mhath b’ abhaist do MhacCruimein a radh riu, “Carson nach cluich sibh coltach ri Iain Dall.” Fhreagair fear dhiubh aon latha, “Dheanainn sin mur biodh mo mheoir as deidh na sgait;” agus a so theireadh air uaireabh mu Phiobaire slaodach “gu bheil a mheoir as deidh na sgait.” Nuair a thill MacAoidh do Ghearloch b’e bu bharail dhaibhsan do ’m b’ fhearr a b’ aithne nach robh Piobaire ann coltach ris ach am fear a theagaisg e, Paruig Og MacCruimein. Chaidh innseadh dha aon uair gu ’n do chaochail Paruig Og agus air ball thoisich e agus rinn e cumha dha. Ann an ùine ghoirid fhuair e fios nach robh an sgeul a chual e fior agus thog e air a choimhead Mhic Cruimein agus am measg Phort eile a chluich e an sin bha am Cumha so. Dh’ haraid McCruimein c’ait’ an d’ ionnsaich se e. Fhreagair MacAoidh, “’S e sin Cumha rinn mi dhuthsa!” “Seadh! Cumha Pharuig Oig, ’s e fhein beo fathast! feumaidh mi ionnsachadh.” Tha am port so agus moran eile de shaothair an duine so ann ach beag a h-uile leabhar piobaireachd, agus mur a dàn a radh theagamh nach eil port eile nis air mhaireann a nochdas grinneas na Pioba mar inneal-ciuil agus a chuireas deuchain air foghlum a Phiobaire mar a ni Cumha Pharuig Oig Mhic Cruimein. Bha Iain Dall na Bhàrd cho math ’s a bha e na Phiobaire, agus gheibhear moran d’ a shaothair ann an Sàr Obair nam Bàrd. Bha Clann an t-Saoir nam Piobairean aig a Mheinearach ann an “Rainneach nam bo,” agus fhuair aon dhiubh ionnsachadh o Pharuig Og MacCruimein. Is e fear de’n teaghlach so a chuir r’a cheile an da Phort ainmeil sin “Faillte Phrionnsa,” agus “Thainig mo Righ air Tir am Mùideart.” Bha teaghlach de Chaimbeulaich ann an Lathurna a bha nam Piobairean ro ainmeil. Is ann de ’n teaghlach so a bha Iain Caimbeul a bu Phiobaire de Ile, agus a ghabh curam de Iain Og Ile nuair bha e na bhalachan, mar tha e ag innseadh anns an leabhar sin mu Channtaireachd na Pioba a chuir e mach. Tha so ’g am thoirt gu beagan a radh air an doigh a bh’ aig na Piobairean air ceol a sgriobhadh o shean. Is ann le seorsa de channtaireachd a bha iad a deanamh so, ach cha b’ ionnan seol a bh’ aca uile. Ged bha a channtaireachd so gle mhath airson cuimhne a chumail air port an deidh ionnsachaidh cha robh e idir furasda port ùr ionnsachadh á leabhar de an t-seorsa so as eugmhais cuideigin a chluinntinn ga ’chluich. Anns a bhliadhna 1828 chuir Caiptean MacLeoid Ghesto mach leabhar piobaireachd air reir doigh Chloinn ’ic Cruimein, ach cha ’n aithne dhomh gu’n gabh faotainn dhe nis ach aon aig Iain Og Ile agus aon eile a thug an “Seann Sgiathanach” do chomunn Gàidhlig Inbhirnis. Thug Iain Caimbeul a dh’ ainmich mi (agus a chaochail a nis o chionn leth cheud bliadhna) leabhar mor air a sgriobhadh ann an Canntaireachd gu coinneamh Phiobairean ann an Duneidinn, ach cha b’ urrainn na breitheamhna ni air bith a dheanamh dheth, agus tha eagal orm gu ’n deachaidh a chall. Anns a bhliadhna 1781 thoisich comunn Gaidhealach Lunnain air cumail coinneamh bhliadhnail agus bha iad a tairgsinn duais airson sgriobhadh ciùil cho math ’s airson cluich Pioba. Fhuair an Domhnulach a bha na Phiobaire ann an Duneidinn duais uair no dha o’n Chomunn airson a bhi sgriobhadh Ceol-piobaireachd, agus mu thoiseach na linn so chuir e mach a cheud leabhar Piobaireachd air a sgriobhadh air reir na doigh anns am bheil Ceol-Inneil do ghnath air a chur sios. Tha meas mor air an Leabhar so agus their cuid gu bheil e na ’s fhearr na h-aon de na Leabhraichean ùra. Chuir Aonghas MacAoidh, a bu Phiobaire do ’n Ban-Righ, a mach Leabhar Piobaireachd fior mhath mu ’n bhliadhna 1840, agus ged tha e soilleir gu bheil mearachdan beaga ann an cuid de na puirt is i mo bharail gur h-e an Leabhar so Cruinneachadh is fearr de Cheol Mor na Pioba a tha againn. Thainig da leabhar ùr eile mach o chionn bliadhna tha fior mhath, ged is gann gu bheil leth-dusain port annta nach eil ann an Leabhar an Domhnullaich no Mhic Aoidh. Tha eagal orm nach tuig daoine nis Ceol Mor mar a b’ abhaist, agus le sin cha dùth suim a bhi aca dheth. Tha na Piobairean ga leigeil air chul agus a tionndadh ri Ceol-mearsaidh ’s ri Ceol-dannsaidh. Tha pailteas de leabhraichean làn de ’n da sheorsa Ciuil so againn agus iad a tighinn a mach na ’s bicheannta. Faodaidh mi ainmeachadh leabhraichean le MacAoidh, Gunn, Maclachluinn, Alasdair Glen, Daibhidh Glen, Mac-a-Phi, agus Uilleam Ros, Piobaire na Ban-Righ. Chuir an dùsgadh a thainig air a Ghaidhlig beatha ùr anns a Phiob agus anns gach deadh chleachduinn Gaidhealach. Tha dochas agam gu ’n lean so agus gu ’n dean sinn uile na dh’ fhaodas sinn chum ar Ceol, cho math r’ ar Canain, a chumail suas agus aiseag seachad le barrachd beartais do ’n al tha teachd nar deidh. Mar thuirt mi cheana tha Piobairean gle lionmhor a nis agus, cia mar sa bith mu Cheol Mor, is i mo bharail gu ’n cluich iad Ceol mearsaidh agus Ceol dannsaidh cho math ri Piobairean a bh’ ann riamh agus bu ghlé mhath leam fhaicinn gu ’n deanamh gach Comunn Gaidhealach tha san dùthaich cuideachadh leis na Piobairean is aird ainmeile a th’ againn chum a bhi a sgriobhadh sios ar Ciùil air an doigh is fhearr agus a cur a mach leabhraichean ciùil math aig prisean saor. Leis mar tha an saoghal air atharachadh cha’n ’eil e nis comasach do ’aon sam bith deich no dusan bliadhna chur seachad ag ionnsachadh Piobaireachd o dhuine eile! agus is ann á leabhraichean a dh’ fheumas daoine neart d’ am foghlum a tharruinn. Tha an sean-fhacal ag radh “Ge math a chobhair an t-sealg, cha mhath an saoghal an t-sealg,” agus dh’ eirich do ealain a Phiobaire mar a dh’ eirich do iomadh ni eile: tha i gle mhath mar bhata gu cuideachadh le duine, agus ùrachadh a thoirt dha fhein agus d’a luchd éisdeachd aig àm, ach cha ’n ’eil innte ach an droch lorg ma dh’ fheumas duine a làn thaic a leigeil orra. “Tha Ghàidhlig ’sa Phiob ag eiridh Gu mor speis am measg nam Gaidheal, Urram gach ciuil le deagh reusan ’S ann aig a Phiob fein a ta e: ’S tormanach, pongail a their i Gach fonn ceileir a thig a braghad, ’S i is binne ’s airde sheinneas, Cha chluinnear ceol eile làimh ri. Is binn an nuallan ud r’ a eisdeachd Nuair a chuirear seid na màla, ’Sa cheartaicheas fear an gleus i Ceart r’a cheile na duis arda; ’S cianail a sheinneas i cumha, Subhach a sheinneas i failte, Urlar ’us siubhal gu siubhalach, ’Us crunludh mu ’m fuirich i sàmhach. ’Se ’n da chuid i ceol is caismeachd, ’S cridheil air astar san tàmh i, ’Us bha i riamh air beul gach caisteil Ri dian mhacnus le ceann sraide. Ged leig iad aon uair i á cleachdadh Gun bhi ac’ ach an corr àite, Tha i nis gu grinn am fasan, ’S cinnteach dh’i mairsinn gu bràth ann.” (A’ chrioch.) [TD 55] [Vol. 11. No. 7. p. 7] Oran. Rinneadh an t-oran a leanas le Oighrig Nic-Iain, bantrach Dhomhuill Mhic-Suain, nach maireann, aig Loch Ainslie, do Mhaighstir Lachuinn Mac Gille-mhaoil, ministeir og a bha aig an àm aig a sheann dachaidh a coimhead air a chàirdean. FONN.— Fàil ille eile óro, Horo ill eile óro, Fàil ille eil óro, Ochoin, ma ni thu falbh oirnn. Mo ghean air Lachuinn ministear, Gur boidheach is gur h-inich thu, ’S a h-uile h-àit’ am bitheadh tu Cha bhithinns’ ort an dearmad. Gur mise bhios gu tùrsach Ma dh’ fhàgas tu an dùthaich: Gu ’m bi mo chridhe brùite Ri ionndrainn do sheanachas. Gur teachdaire o Dhia thu A chuir E-féin ga ’r riaghladh, ’S nam faighinn mar mo mhiann e, Cha ’n iarrainns’ ach bhi falbh leis. Nuair sheasas tu ’sa chùbaid, ’S a sheallamaide dlùth riut, ’S a thoisicheadh an ùrnuigh, ’S e sin a dhrughadh oirnne. Gur eibhinn bha do ’n t-sluagh sin Do ’m bheil an dàn do bhuannachd, Comhl’ ri do chuid suairceas Tha buaidh ort anns an t-searmon. Gur buidhe do d’ chéile, ’Bheir dhachaidh o’n a chléir thu, ’S ann aice bhios an déideag ’G éiridh moch is anmoch. ’N am biodh e air m’ ordan, ’S mi bhi pailt do storas, Cha leiginnsa ri m’ bheo thu Gu seoladh na fairge. ’S tric a bha sinn comhla ’N ar suidh air cnoc ’n ar n-onrachd, Nuair bhiodh do theagasg boidheach Ga ’m sheoladh air son m’ anama. Cha ’n e beagan eolais A bh’ agam air an oigear, ’S ann a bha e comhla rium Nuair bha e og na ’leanaban. ’S muladach do chàirdean, D’ athair is do bhràithrean, ’S an cridhe ’n impis sgàineadh Nuair ni thu ’n dràsd an tearbadh. Cha cheil mi air an t-saoghal Nach d’ thug mi mo ghaol dhut, O’n dh’ innseas mi do dhaoine, ’S e Mac ’Ille-mhaoil is ainm dhut. Litir o Chalum Beag. A CHARAID,—Tha mi an deigh gabhail a’ m’ cheann aon litir eile sgriobhadh gu d’ ionnsuidh, agus sin a chionn gu bheil mi a smaoineachadh gu bheil e ni ’s usa dhomh tuilleadh naidheachdan a leigeadh a dh’ ionnsuidh mo chàirdean beag agus mor as a so na bha e comasach dhomh a dheanamh far an do rugadh ’s a dh’ àraicheadh mi aig bonn Càrnach bheanntan àluinn Cheap Nor. Cha ’n ’eil ach mu dha mhios o thàinig mise do ’n bhaile so, agus og agus beag ’s mar tha mi, tha mi toirt fa near iomadh ni ann a tha ’cur moran iongantais orm; ach dhiubh sin gu leir cha ’n fhaca agus cha chuala mi ni is iongantaiche na ’n t-each iaruinn, a tha ri fhaicinn a dol seachad aig ar dorus gu tric gach latha, a slaodadh charbadan guail is eile gu ’n ceann-uidhe. A nis, o’n dh’ fhàg mise iomadh caraide beag a’ m’ dheigh nach faca riamh sealladh dhe ’n each iongantach so, ’s ann a dh’ fheumas mi cunntas gearr a thoirt dhaibh ma thimchioll mar is fhearr a dh’ fhaodas mi. ’Nuair a chluinneas mis’ e a tarruing dlùth cha ’n ’eil ni ris a motha shamhluicheas mi fuaim analach na clàtar na caillich-fhasgnidh a tha ’n sabhal mo sheanamhair ’nuair chuirear ri obair i. An àite an driver a bhi air druim an eich, no as a dheigh, ’s ann is beag nach ’eil e as an t-sealladh an taobh a stigh dheth, agus tha duine eile a ghnàth dlùth dha d’ an obair a bhi biadhadh an eich, cha ’n ann le coirce, ach le gual dubh na mèinne. An àite chasan a bhi fo ’n each uamhasach so, ’s ann a tha e cleachdadh rothan aig am bheil deagh ghreim air na reilichean iaruinn air am bheil e siubhal cho luath. ’Nuair a bhiadhar gu math e, agus a chuireas teas a bhidh sin tuilleadh smùid dhe ’n uisge bhios ’na ghoile na’s urrainn a sheice a ghiulan, feumar aite beag fhosgladh troimh am faigh cuid dhe ’n smùid a mach, ar neo spraidheadh e as a cheile le cumhachd a bheireadh air falbh beatha a’ luchd-frithealaidh gun dail. Chunnaic mise a’m’ latha goirid fein eich a bha gle ullamh gus na bhiodh iad a slaodadh a phutadh air ais ’nuair a rachadh an aomadh gu sin a dheanamh; ach an t-each so—theid e ’n comhair a chùil le luaths cho mor ’sa theid e air adhart. ’S cinnteach mi fhein na ’m faiceadh mo chàirdean beaga, Ailein Caimbeul, Aonghas Domhnullach, agus cuid eile na theid aig a bheathach iongantach so air a shlaodadh as a dheigh, gu ’m biodh na ’s comasach do na h-eich aca fein a thoirt leo gle neonach na ’n sealladh an coimeas ris. Tha ni eile ri fhaicinn an so nach fhaca mise riamh roimhe, agus ged nach taitneach a bhi ’deanamh luaidh air, their mi beagan ma thimchioll, agus is e sin an suidheachadh truagh ’s am bheil cuid de dhaoine ’g an cur fein le bhi ag ol deochan puinnseanta a tha deanamh dhaoine glice na ’n amadain, daoine siobhalta na ’m brùidean, agus a fàgail theaghlaichean leth rùisgte agus air bheag doigh anns gach seadh. Cha ’n ’eil latha dhe ’n t-seachduin air nach faodar cuid de ’n mhuinntir thruagh ud fhaicinn ag oidhirpeachadh air imeachd air sràidean agus rathaidean a tha iad fein a faotuinn tuilleadh is aimhleathain ri ’n cumail, agus air uairean a tuiteam sios nan slaodan gun chomas gluasaid, mur seall muinntir eile riutha. Feumaidh mi innseadh mu aon ni eile a chunnaic mi, agus a chuir moran iongantais orm aig an àm. Bha mi sgriob air feadh a bhaile maille ri m’ athair goirid an deigh dhomh tigh’n ann, agus air dhuinn a bhi ’gabhail seachad air stòr araidh, thug mi fa near dealbh snaidhte air a dheagh sgeadachadh ri ursainn an doruis. Air dhomh a bhi an deigh beagan a chluinntinn agus a leughadh mu thimchioll iodhalan nan Innsean an ear agus Sina, dé bhuail a’ m’ cheann ach gu ’m b’ fheudar gu’n robh daoine iodhal-aodhrach ’sa bhaile so féin, agus gu ’m b’ e sid aon de na h-iomhaidhean d’ an robh a mhuinntir amaideach ud ag aoradh. Cha duirt mi smid ri m’ athair mu thimchioll na gràinealachd ud, ach cha bu luaithe a rainig mi dhachaidh na theann mi ri chur an ceill do m’ mhàthair an sealladh iongantach a bha mi an deigh fhaicinn. Ach, a mhic chridhe! an aite eisdeachd rium gu deireadh mo sgeoil, ’s ann a bhrist i mach le lasgan mor gaire, agus dh’ aithnich mise air ball gur ann a bha mi air mo mhealladh. O ’n tha mo litir cheana tuilleadh is fada feumaidh mi a toirt gu crìch. Ach tha dochas agam, ma chaomhnar mi, nach ’eil an t-am fad as anns an cluinn mo chairdean beag agus mor uam a rithist, ’s e sin, ma theid agam le guidhe shìtheil air neach eigin aomadh gu sgriobhadh air mo shon; oir is cinnteach a ni nach ruig an creutair beag a tha mise ann a leas teannadh ri maoidheadh air neach sam bith a chum na crìche sin. CALUM BEAG. Sidni Tuath, Sept. 19, 1902. Gaoth fo sheol agus sron coin, da rud cho fuar ’s a th’ ann. An uair a bhios an sgadan mu thuath, bidh Murchadh ruadh mu dheas. Iadsan a Phaigh. Iain C. Mac Coinnich, Melville, E. P. I. Calum MacMhanainn, Braidalbainn, E. P. I. D. Mac Neacail, Commercial Cross E. P. I. Tearlach Mac-Gilleain Sinclair, Ch’town. E. W. Connolly, Truro, N. S. Calum Mac-an-Leigh, Duntroon, Ont. Euphemia C. Rothach, Brookline, Mass. Seonaid Nic-Gillinnein, Taunton, Mass. Mairearad Chaimbeul, Boston, Mass. Sim A. Gillios, Concord, Mass. Domhnull Domhnullach, Spokane, Wash. Alasdair Ceamp, Waipu, New Zealand. Iain Ceamp, Waipu, New Zealand. Iain Rothach, Waipu, New Zealand. Iain G. Mac Aoidh, Lunnainn, Sasunn. A. Mac-Andra, Lunnainn, Sasunn. E. Hepburn, Lunnainn, Sasunn. Ian Mac Coinnich, Lunnainn, Sasunn. Fearchar Mac Rath, Ruesgaravaigh, Alba Iain A. Mac Isaic, Broad Cove Mines. Domhnull Mac Gille-mhaoil, Glace Bay Bean Illeasbuig Dhomhnullaich, Stirling Domhnull I. Mac Leoid, Framboise Bean Iain Mhic Dhiarmaid, Sidni Grace Nic Artair, am Beighe ’n Iar Donnachadh Mac Coinnich, Milton. Lachlainn Domhnullach, Milton. Domhnull I. Mac Aongais, Horne’s Road Iain Mac Gillemhaoil, Horne’s Road Padruig Mac Gill-fhinnein, Baddeck Maighstir A. T. Mac Aonghais, Port Hood [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 56] [Vol. 11. No. 7. p. 8] Iul an Eileanaich. LEIS AN OLLAMH URRAMACH IAIN MAC LEOID, NACH MAIREANN. Tha Eilean Thireadh cho iosal chomhnard, ’s nach ’eil e furasd’ a thogail ’san oidhche leis na mairichean tha ’g iarraidh a’g ionnsuidh. Tha e ’na chleachdadh cumanta, uime sin, le muinntir an eilein, ’n uair a tha càirdean a mach air cuan agus sùil aca riutha, teine a lasadh air àite àraidh air an dean am maraiche a ghabhail. Is iomadh bàta agus sgioba a thearnadh leis a’ chleachdadh chàirdeil, bhàigheil so. ’S e ’m faireachadh so a b’ aobhar do ’n dàn a leanas a bhi air a sgriobhadh. Bha ’ghrian ’s i air luidhe Fo smal is fo ghruaim, Agus cuantan a’ beucaich Le gàirich nan stuadh; Ach tha ’n eithear gu treun Ris a’ ghaillinn a’ stri, Ag iarraidh gun luasgan Gu cala na sith. Bha dui-nèoil nan doinionn A’ siubhal nan speur, Is fearann no fasgadh Do ’n sgioba cha leur, Ach gun mheatachd, gun imcheist Air cridhe nan sonn, Shior-ghleidh iad an gabhail Air Eilean nan tonn. Deir am maraiche aosda A shuidh air an ailm,— “Na striochdaibh mo ghillean Fo uamhar no stoirm; Bidh ar n-earbsa gu daingeann An Ard-Righ nan Dùl, Oir dheonaich a mhaitheas Na bheir soills’ agus iùl.” Agus feuch! mar a labhair, Air carraig nan stuadh ’Suas dh’ éirich le dearrsadh Ard lochran nam buadh; An deur sin nach d’ fhàsgadh Le gàbhadh o shùil, Shil an t-athair ’nuair thuirt e “A leanabh mo rùin.” ’S bha ’leanabh cho sona, ’S bu mhiannach le cridh, ’N uair chunnaic i ’n t-eithear An cala na sith; ’S O! b’ aoibhneach a’ choinneamh ’N uair ràinig i ’n tràigh, ’S a thuirt i le aiteas, “O, athair mo ghràidh.” Cumha a rinneadh do Chatriona Nic Neill, nighean do Dhomhnull Mac Neill ann am paraisd’ a Phon Mhóir, a chaochail ann an Sidni air a choigeamh latha deug de Nobhember, 1900. Feasgar geamhraidh dhomh ’s mi leughadh ’S mi leam fhéin nam sheomar, Mar dhorch neul speur no ceo air ghréin Gu ’n d’ thàinig sgeul ga ’m chodhail, ’Toirt cunntas gheur gu ’n bhuin an t-eug Ri cailinn ciùin nan iomadh beus, Gur iomadh sùil bho dh’ fhuasgail deur ’Fhuair re do réis ort eolas. Ged nach robh mi dlùth an dàimh No ann an càirdeas mor riut, Chuir sgeul do chràidh air ghleus mo chàil ’Chur rann do bhàs an ordugh; Mar-ris gach beus a thug càch dhomh ’Thaobh do ghiulan is do nàdar, Fhuair mi seal ort eolas tràth, Nuair bha thu ’d phàisde gorach. Tha do pharantan ’san uair Is iad fo ghruaim an comhnuidh, Do bhas cho luath a chraidh iad cruaidh, ’S gur tric le ’n gruaidh na deoir ruith; Co dhiubh their càch le gradh no fuath Gu bheil aon phairt dhiubh dubh no ruadh ’S e tionndadh glas gu grad dhaibh ’s dual Le d’ chuir ’san uaigh cho og sid. Sid a bhliadhna dh’ fhag iad cianail, Naoi-ceud-deug ri h-aireamh, B’e ’n geamhradh goirt a lot gu dian iad, ’N darna mios dhe chradh iad, Nuair a chàireadh anns an lion-bhrat Uigh am beul do ’n eubht Catriona, Bhual an t-eug le creuchd bha fior ghoirt, ’S nach seas sian dhaibh àite. Ged a gheallte dhaibh le sgriobhadh Paileas righ ’s làn choir air, Air son do chumha chuir bho chuimhn, ’S ni sid nach cinn re ’m beo leo; A h-uile ait an tamh no ’m bi iad Thig do bhas gun dail na ’n inntinn, Cha ’n fhois la ’s cha tamh dhaibh oidhche Gu ’n càirear sint’ fo ’n fhod iad. Cha ’n ’eil aoibhneas ann an tamh dhaibh, ’S cha ’n ’eil slàint na dùsgadh, Tha h-uile la cho fad ri raithe Bho ’n chaireadh anns na bùird thu; Thug sid smal na h-oidhche trath orr’, Chaidh an coinnlean tur a smàladh, Dh’ fhalbh an loinn ’s tha ’n cuimhn’ air fàgail, ’S cha tig gàir le sunnd orr’. ’S beag an t-ioghnadh leam do chàirdean Bhi fo phràmh ga d’ ionndrainn, O’n bha thu ’d phàisd’ cha tug thu naire Dhaibh le gnàths droch ghiùlan: Bha thu siobhalta na d’ nadar Agus firinn a co-fhàs riut, Mar a dh’ innis luchd-foghlum ard Thoirt cunntas araid cliu ort. Dh’ fhàg thu t’ athair mar nach iarrainn, ’S e gu cianail, deurach, Cha ’n ’eil stath an deoch na ’m biadh dha, Cha teid sian gu feum dha; A h-uile sàs a thaing riamh air Chuir e pàirt le dail air di-chuimhn’, Ach do bhas bidh ghnath ga ’phian Mar shaite sgian fo sgéith ann. Tha do mhathair mar an ceudna ’S i gu dian ga d’ thùrsa, Cha ’n ’eil trath a laidheas grian Nach sil i deur ga d’ ionndrainn, Am bàs ga d’ sgath ’s gun thu na fianuis, Chuir sid saighead ghoirt na cliabh Nach slànaich leighichean a chian Gu ’n càirear sios ’san ùir i. Tha do pheathraichean og, caomh, Bha ’g altrum gaol dhut cairdeil, Gu goirt a caoineadh ’s tric a smaointean ’N t-ionad faoin ’s na thàmh thu: Cha ’n ’eil eiridh a ni ’n taobh Nach sil iad deur ri linn bhi smaointinn Thu leat fhein fo bhinn nan daol An ciste chaol a cnamh innt’. Bho na chriochnaicheadh an aont’ Dhe ’n t-saoghal dhut bha ’n gealltainn, ’S gach neach a chaochail do chlann daoine Sid an taobh na stiùir iad; Ach ’s aobhar uaill o’n fhuair do shaothair Cinnt cho luath mu d’ bhuannachd fhaotainn, Chaidh do ghairm a chuirm ro chaomh A sheilbh na naomh nach d’ mheall thu. Bho nach fhaod neach lag no laidir Crioch a laithean ’dhiùltadh, ’S an uair is miann le cùirt nan gras Gach solus là gum mùchar; Mar sin le iarratas do Shlànfhear, Thainig teachdaire bho ’n bhàs Ga d’ iarraidh ’chùirt nan aingeal ard A ghabh gle thrath dhiot curam. LATHA TAINGEALACHD—Anns an àireamh mu dheireadh thug sinn iomradh gu robh an latha so ri bhi air a chumail ni bu tràithe am bliadhna na b’ àbhaist; gu robh dùil e bhi ann air an treas latha fichead dhe ’n mhios so. Uaithe sin thainig fios a Ottawa gu ’n robhas air latha b’ fhior thràithe a shonrachadh air a shon—an siathamh latha deug. An uair a bhios rud a dhìth air Domhnull gheibh e fhéin e. Is ann againne a gheibh thu na Gloineachan Sula a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 57] [Vol. 11. No. 8. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 17, 1902. No. 8. Na Seann Eolaich. THA litrichean aig MAC-TALLA air an turus so bho thriùir dhe ’sheann eòlaich bho nach cual’ e o chionn fhada—“Mac Uisdean,” “Ceann Liath,” agus Seumas N. Mac-Fhionghain. Bidh na leughadairean anabarrach toilichte fios fhaotainn uapa aon uair eile, agus tha sinn an dòchas nach bi iad cho dearmadach an deigh so. Tha iad féin a’ gealltainn nach bi, agus tha sinn ga ’n creidsinn. A thaobh Sheumais, faodar a radh, ged nach d’ fhuaireadh litir uaithe, gu ’n robh sinn a’ cluinntinn uaithe air mhodh eile: anns an da sgeulachd ghrinn, “Aonghas donn Ghlinn Fraoich,” agus “Iain Mór nan Ord.” Ath-leasachadh ann an Sidni. MAR a thug sinn fein iomradh o àm gu àm, cha robh cùisean anns a bhaile so, ré nan tri bliadhna chaidh seachad, cho math ’s bu choir dhaibh a bhith. An deigh do’n obair-iaruinn tòiseachadh, dhoirt moran sluaigh a staigh dhe gach seòrs agus gnè. Na ’n lorg thainig gràisg de dhaoine gun diù a thòisich ri taighean-oil a chumail, agus eadar iad sin ’s na bha ris an obair mi-laghail roimhe, thugadh am baile gu bhi na àite misgeach, mi-bheusach. A cheud da bhliadhna cha robhas a’ deanamh stri mhor sam bith ris an lagh a chur air obair, ach beagan roimh ’n àm so ’n uiridh thugadh ionnsuidh a b’ fhearr air casg a chur air a mhalairt mhilltich, ach ged rinneadh sin, tha stuth làidir fhathast cho furasd’ fhaotainn ’sa tha an t-uisge fuar. O chionn seachdain no dha, chuir ceannardan cuideachd an Iaruinn litir gu luchd-riaghlaidh a’ bhaile, a’ gearan air mar bha cùisean, ag radh gu robh pailteas an òil a’ toirt mi-chliù air a bhaile, a cur call mor orra-san le misg an luchd-obrach, ’s a cumail chuideachan eile bho oibrichean ùra a chur air chois, o chionn gu robh moran de ’n luchd-obrach as nach b’ urrainn dhaibh earbsa fhad ’s a bhiodh stùth làidir air a chreic, cho pailt ’s a bha e. Tha iad ag radh ’san litir so, gu robh moran a thainig do’n bhaile na ’n daoine stuama air fàs na ’n luchd-daoraich, agus mar sin gu robh comas na cuideachd air probhaid cheart a dheanamh air an obair a sior dhol ni bu lugha. Bha coinneamh aig muinntir a’ bhaile oidhche Di-haoine, an seachdamh latha deug. Bha eadar seachd is ochd ceud a làthair. Bha an t-Urr. D. M. Mac-Eamuinn anns a’ chathair, agus labhair esan is àireamh de na ministeirean os leth an lagha bhi air a chur air obair gun dàil a chum na taighean-òil a chur as gu buileach. Aig co-dhùnadh na conneimh, sheas iadsan a bha lathair ri sin gu h-aontachail. Ma ghabhas an luchd-riaghlaidh an dòigh cheart, ’s gu’n seas an sluagh ri ’n cùl, ni a tha sinn a creidsinn a ni iad, faodaidh leasachadh mor a bhi air cùisean romh dheireadh na bliadhna, air chor ’s gu’m bi e comasach do’n bhaile pàirt de ’n deagh chliù a chaill e a chosnadh air ais. Cha dean obair aindeonach an gnothuch; feumar a bhi cheart da-rìreadh. Agus cha deanar le aon no da ionnsuidh e, ach le obair dhian agus le deagh fhaire. Tha sinn an dòchas nach sgìthich luchd na comhairle no an sluagh anns an deagh aobhar so, ach gu ’n neartaich iad lamhan a cheile ’s gu’n glan iad am baile dhe ’n mhalairt dhòlasaich so, agus dhiubhsan a tha ga ’cur air adhart—daoine tha coma cia mor an call a ni iad d’ an co-chreutairean fhad ’s a ni iad fein beòlaint shòghmhor ga ’n spùilleadh. Coire Mhor nan Staidean. ANNS an dùthaich mhor a tha deas air Canada ris an canar na “Staidean Aonaichte” tha àireamh mhilleinean de shluagh siobhalta, ceart, deagh-bheusach a’ gabail còmhnuidh. Tha iad gleusda, tapaidh, agus ga ’n cur fein an céill anns gach cearna dhe ’n t-saoghal. Tha iomadh coire ri fhaotainn do ’n dòigh sam bheil iad a’ cumail air adhart cùisean an dùthcha, agus cha ’n eil iad saor o na dubhailcean a tha ri ’m faotainn am measg shluagh dhùthchannan eile. Ach tha aon choire mhor orra air nach eil iad féin fiosrach, no ma tha nach eil iad a’ feuchainn ri ’leasachadh. Is i choire mhor a tha sin a’ bharail aibheiseach a tha aca orra fein is air an dùthaich. Neach a leughas a bheag no mhor de ’n cuid litreachais, chi e so gu soilleir. Air gach taobh duilleig dhe gach paipeir-naigheachd ’s anns gach leabhar-sgoile is leabhar-sgeòil, gheibh e air a chur an céill gur h-iad na Stàidean an aon dùthaich a’s motha cumhachd is gloir a bha, a tha, no a bhitheas air ùr-uachdar an t-saoghail. Nach do sgar i i-féin bho Bhreatunn o chionn còrr is sia fichead bliadhna? Nach do liodair i an Spàin ri ar cuimhne féin? Agus nach eil i air fàs cho làidir ’s cho bragail uaithe sin ’s gu bheil i ’n impis beul-aithris luchd-stàite na h-Eòrpa chur air chùl, agus malairt an t-saoghail air fad a sgioblachadh suas na sgùird féin? Cluinnear na tri nithean so air an aithris gu tric, ach ’s fior ainneamh a chluinnear taobh eile na cùise. Dh’ fhaodte iomradh a thoirt air an t-sàr chothrom a bh’ aice na ’ceannairc an aghaidh Bhreatuinn nuair a sgar i uaipe, gu robh an dùthaich mhàthaireil aig an àm air a cuartachadh le naimhdean cumhachdach—dara leth na Roinn-Eòrpa a’ cogadh rithe, ’s an leth eile feitheamh a chothroim. Dh’ fhaodte radh mar an ceudna nach bu mhor a’ chùis uaill do dhùthaich sam bith buaidh fhaotainn air an Spàin, dùthaich a bha lag, breòite, trom ann am fiachan, ’s a cuid shaighdearan mi-riaraichte le ’n suidheachadh. Agus a thaobh glacadh malairt an t-saoghail, cha ’n eil e coltach gu bheil sin a tigh’nn gu crìch cho luath ’s a thatar a cur mar fhiachaibh oirnn a chreidsinn. Ma ghabhar seanachas nam paipearan-naigheachd Geancach, tha Breatunn a’ sior chall, ’s na Staidean a’ sior bhuanachd ann am malairt. Ach nuair a dh’ ainmichear gu bheil Breatunn gach bliadhna cur air falbh a cheithir no choig uiread bathair ’s a tha na Staidean, chithear gu ’n cuirear feum air barrachd ’s an fhìrinn air-son sin a dhearbhadh. Tha na Staidean gun teagamh a’ toirt ceum air adhart, agus ceum mor, fada, ach cha ’n eil e chum feum sam bith a bhi deanamh uaill á nithean beaga mar nithean mora, ’s a’ deanamh fàisneachd mu nithean a tha, ma dh’ fhaodte, ri teachd, mar gu ’m biodh iad air tachairt cheana. Cha bhuinnig ceannaiche air a bhi cur an ìre gur h-e ceannaiche ’s motha tha ’san dùthaich nuair tha fios aige fein ’s aig muinntir eile nach eil sin fior. Cha mho a bhuinnigeas dùthaich a bhi gabhail oirre fein gu bheil i sheachd uiread ’s a tha i, no gu bheil i gu bhi a sheachd uiread ’s a bhitheas i. Is fada ghabh e o MHAC-TALLA bhi cur sios air na Staidean no air an t-sluagh a tha chòmhnuidh annta. Cha ’n eil mi-rùn no farmad sam bith aige riutha. Ach tha na barailean neònach a dh’ ainmicheadh a’ deanamh cron dhaibh, agus tha e iomchuidh an comhairleachadh. Agus tha ’m paipeir so air-son a chomhairle fhein a thoirt orra, oir tha na ’m measg miltean de Ghàidheil, moran dhiu a chi agus a leughas na thatar an so a sgriobhadh. Latha Taingealachd. THA iomadh aobhar againn ann an Canada air son ar taingealachd a nochdadh air a bliadhna so. Tha an dùthaich so a sealbhachadh iomadh sochair is beannachd nach robh ar n-athraichean idir a sealbhachadh anns na bliadhnaichean a thriall—sochairean a tha chum math an t-sluaigh a tha chomhnuidh anns gach cearna dhe ’n dùthaich mhor, bheairteach anns am bheil sinn. Tha Canada na ’dùthaich anns am bheil iomadh sluagh is treubh a’ deanamh an dachaidh. Tha i na ’duthaich a tha loma-lan de gach ni a tha freagarrach do mhac a duine. Tha mèinnean guail anns a chearna so do Chanada nach ’eil an leithid ach ainneamh ri fhaotainn ann an cearna sam bith; agus tha iomadh mèinn de dh’ òr ’s de chopar is de nithean luachmhor eile a tha air an cleith fo ’n talamh a feitheamh gus am bi iad air an cladhach suas ’s air an cur gu feum. Cha ruig sinn a leas iomradh a thoirt air na machraichean mora farsuing, de gach seorsa bàrr, a tha ’san dùthaich so—tha ’n sluagh eòlach gu leor orra. Tha eilean Cheap Breatunn gu h-àraidh na àite anns am bheil iomadh seorsa obrach a dol air adhart—obraichean a tha na ’m meadhain air cosnadh a thoirt do mhoran sluaigh, a tha dortadh a stigh as gach cearna dhe ’n t-saoghal. ’S ann againn a tha ’n t-aobhar molaidh! Cha ruig duine sam bith a leas, a rugadh ’sa thogadh ’san eilean so, a dhol air falbh gu dùthaich eile air tòir obrach, mar a bha iad a deanamh o chionn bhliadhnachan air ais. Tha obair gu leoir aig gach neach. B’ ann mu ’n àm so ’n uiridh a bha earrann mhor dhe’n bhaile so air a sgrios le teine. An diugh air na seann làraichean tha togalaichean mora, greadheach, a bhiodh ’nan onair do [TD 58] [Vol. 11. No. 8. p. 2] bhailtean gu math na ’s motha na Sidni. Agus, ma dh’ fhaoidteadh, gur ann chum math an àite a thainig an teine sgriosail so. Aidichidh gach neach anns am bheil tùr is toinisg gu bheil na togalaichean ùra moran na ’s eireachdaile agus na ’s snasaile agus air a h-uile doigh fada air thoiseach air na taighean fiodha a bh’ air an losgadh gu làr an uiridh. Tha Canada na ’duthaich a tha taitneach ann an iomadh doigh. Air an aobhar sin bu choir dhuinne gun di-chuimhneachadh aig an àm so dhe ’n bhliadhna ar dleasdanas agus air taing Dhàsan o ’m bheil sinn a sealbhachadh gach beannachd. Naigheachdan. A’ BHREAC AIR DUIN’ EILE—Tha duin’ eile na laidhe tinn leis a’ bhric ann an Sidni, fear Dominick Hayes, a tha tri fichead is coig bliadhna deug a dh’ aois. Ghabh e an tinneas gle dhona, agus tha eagal air na lighichean nach teid e am feobhas. Bha e ’fuireach aig Whitney Pier, agus bha deichnear eile ’san aon taigh ris. Tha iad sin air an cur air leth air eagal gu bheil a’ bhreac aca ’s gu ’m bi i air a sgaoileadh. Cha ’n eilear ro-chinnteach ciamar a fhuair Hayes an euslaint. STOIRM DI-CIADUIN S’A CHAIDH—Bha ’n stoirm a bh’ ann Di-ciaduin air an t-seachduin s’a chaidh anabarrach trom fhad ’s a mhair i. Cha robh a leithid ann air a bhliadhna so. Bha uisge ’s clach-mheallain a tuiteam, agus bha tàirneanaich is dealanaich ann. Bha ’n stoirm ni bu truime an ceann a tuath siorrachd Inbhirnis na bha i an cearnan eile de ’n eilean. Timchioll Cheticamp bha craobhan is saibhlean air am bualadh leis an dealanach, ach cha chuala sinn gu ’n d’ rinneadh call mor no gu robh beatha neach sam bith air a chur an cunnart. AIR A DHITEADH GU BAS—Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh thugadh binn bàis a mach air Frank Higgins, am balach òg a mhort a chompanach ann an St. John, N. B. Mur teid a’ bhìnn atharrachadh bidh e air a chrochadh air an ochdamh latha deug de Dhesember. Aig a’ chùirt, chaidh a chur air a mhionnan, agus dh’ fheuch e ris a’ chionta chur air an fhear eile, a bha cuide ris nuair rinn e an gniomh, ’s a bha ’togail fianuis na ’aghaidh. Tha e muladach òigridh a bhi fàs suas a dhìth oilein is teagaisg mar a bha iad so. Tha seorsa litreachais ga leughadh leis an oigridh an diugh a tha trom air an inntinnean a thionndadh o gach ni ceart. Mar a’s luaithe theid an litreachas cronail sin a thoirmeasg ’s ann a’s fhearr. Tha na sgeulachdan a thatar a’ creic air Diamond Dick ’s air curaidhean dhe ’n t-seorsa sin na ’m biadh puinnseanta do’n inntinn òg, agus gus am bi an clo-bhualadh ’s an creic air a thur bhacadh le lagh na dùthcha, is coir do phàrantan ’s do mhuinntir eile feuchainn ri ’n cumail o bhi air an ceannach no air an leughadh. BAS SHIR IAIN BOURINOT.—Oidhche Di-luain s’a chaidh, chaochail Sir Iain Bourinot, Cléireach Taigh nan Cumantach, an Ottawa. Rugadh an duin’-uasal so ann an Sidni ’sa bhliadhna 1835, agus bha e mar sin tri fichead is seachd bliadhna dh’ aois. B’e mac bu shine bh’ aig an Onorach Iain Bourinot, a bha fad àireamh bhliadhnaichean na bhall de phàrlamaid Nobha Scotia airson na siorrachd so, agus an deigh sin na Shenator an àrd-phàrlamaid Chanada. Bha Iain Bourinot grunn bhliadhnaichean an oifis paipeir-naigheachd ann a Halifax; an deigh do na roinnean a bhi air an aonadh fhuair e àite ann an leabhar-lann na h-àrd-pharlamaid, agus an ceann bheagan bhliadhnaichean chaidh a thaghadh mar chléireach Taigh nan Cumantach, dreuchd anns an robh e gu àm a bhàis, agus a bha e lionadh le mor-thaitneas do na h-uile. Sgriobh e moran leabhraichean, a mhor chuid dhiubh mu eachdraidh na dùthcha ’s mu riaghailtean pàrlamaid. Am measg oibrichean eile, chuir e mach leabhar luachmnor air eachdraidh nam Frangach an Ceap Breatunn. O chionn beagan bhliadhnaichean rinn Banrigh Victoria ridire dheth. Bha e pòsda tri uairean. Dh’ fhàg e mac is nighean leis an dara bean, agus dithis mhac òga leis an treas té. Chaidh Domhnull Fox a bhàthadh ann am Port Hastings Dior-daoin, a’ feuchainn ri dhithis mhac a shabhaladh. Chaidh na gillean a shàbhaladh. Gheibhear anns an àireamh so sanas bho ’n Dotair Domhnull N. Moiseasdan, a tha air suidheachadh ann an Sidni. Tha ’n oifis aige an togalach MHIC-TALLA, agus a thaigh-còmhnuidh air Union Street. Tha e tighinn an so le deagh chliù mar lighiche, an deigh dha bhi fad fhichead bliadhna an Oxford, Nobha Scotia. DA LEABHAR UR—Fhuair sinn air an t-seachduin so bho ’n Urr. A. MacGilleain Sinclair, leabhar beag d’ an ainm Dain agus Orain, le Alasdair Mac-Fhionghain. Mar an ceudna bho Ghilleasbuig Mac-na-Ceardadh, an Glascho, an dara clòthadh de Ghramar Gàilig Mhic ’Ille-Ruaidh. Bheirear cùnntas ni ’s mionaidiche air an da leabhar so anns an ath àireamh. BAS AM PRIOSAN GHLACE BAY—Di-màirt s’a chaidh chaochail seann duine do ’m b’ ainm Uilleam Shea anns a phriosan an Glace Bay. Bhuineadh e do Ghuysboro, agus bha e ann an Glace Bay o chionn tri no ceithir de bhliadhnaichean. Bha e na ’bharbair, agus bhiodh e uair ag obair ’s uair na thàmh. Maduinn Di-luain fhuaireadh air an daoraich e ’s chaidh a chur do ’n phriosan. Feasgar Di-màirt chuireadh a dh’ iarraidh dotair air a shon, agus dh’ òrduich esan a thoirt do ’n ospadal, ach mu ’n d’ fhuaireadh sin a dheanamh bha e marbh. Bha e mu thri fichead bliadhna dh’ aois. STRI NAM MEINNEAN GUAIL SEACHAD—An deigh do mheinnean guail Phennsylvania bhi na ’n tàmh corr is coig miosan, thainig an luchd-obrach ’s an luchd-seilbh gu gne cordaidh, agus tha duil gu ’n tòisich obair air an t-seachduin s’a tighinn. ’S e ’n còrdadh gus an d’ thainig iad a’ chùis a chur fa chomhair comhairle tha gu bhi air a suidheachadh le Roosevelt, an da thaobh ag aontachadh romh-laimh a bhi leagte ri breth na comhairle sin. Ni na mèinnean so a thòiseachadh a rithist fuasgladh mor air an dùthaich, oir bha roinn mhor de shluagh nan Staidean, agus eadhon de shluagh Chanada na ’m freasdal air son an cuid guail. Agus nuair nach robh e fàs coltach gu ’m biodh iad ag obair mu ’n tigeadh fuachd a’ gheamhraidh, bha e na aobhar iomguin mhor. Bha an gual a’ fàs gann, agus am beagan a bha ri fhaotainn a’ sior eirigh ann am pris. SGIORRAIDHEAN BASMHOR—Dior-daoin an naodhamh latha dhe ’n mhios, bha Alasdair Moireasdan, a mhuinntir Phort Morien, air a mharbhadh am mèinn Chaledonia le tuiteam cloiche. Cha robh e beò ach mu uair an deigh an sgiorraidh.—Air an latha cheudna bha Suaineach d’ am b’ ainm Anderson air a mharbhadh air doigh uamhasaich am Port Morien. Bha e ann an toll soithich a bhatar a luchdachadh, nuair a thainig tòrr de ’n ghuail air a mhuin gun fhios da, ga mhùchadh gu bàs. Bha e beò nuair thugadh as e, ach chaochail e an ceann beagan mhionaidean.—Bha duin’ og a mhuinntir Newfoundland, Robert Fitzgerald, air a bhàthadh aig Whitney Pier oidhche Di-haoine. Bha e ’g obair do Chuideachd an Iaruinn, agus ge b’ e doigh air ’n do thuislich e, thuit e bhar an laimhrig. Cha do dh’ fhairich duin’ e tuiteam, agus b’ e cheud fhaireachadh a bh’ ac’ air an sgiorradh a thachairt corp an duine bhi air fhaotainn. GNIOMH EAGALLACH—Diordaoin, an naodhamh latha dhe ’n mhios, chruinnich àireamh de dhaoine dubha gu dannsa a bh’ ann an taigh aig na Coke Ovens. Cha robh an dannsa ach air tòiseachadh nuair a chaidh dithis dhiubh, Seoras Brooks agus G. S. Scott, troimhe chéile mu ni air choireiginn. Mu dheireadh thuirt Brooks ris an fhear eile gu ’m marbhadh e e, agus a toirt daga as a phòcaid loisg e air Scott, am peileir a dol na ’ghualainn. Ruith Scott a stigh do rùm eile ’san taigh agus thill e ’sa mhionaid is daga aige fhéin. Loisg e air Brooks, ach cha do bhual e idir e. Theich Brooks agus am fear eile as a dheigh. Loisg Scott air a rithist, agus bha e na bu chuimsiche air an turus so; chaidh an urchair an gualainn Bhrooks. Nuair a rainig Scott an dorus thuit e, agus chaochail e beagan mhionaidean an deigh dha tuiteam. Tha Brooks air a leònadh gu dona, ach thig e bhuaithe. Buinidh na daoine dubha do na Staitean. Thainig iad do Shidni an uiridh far am bheil iad ag obair aig Cuideachd an Iaruinn. LITIR A FRAMBOISE. CIAMAR ’tha thu, ’charaide? ’S fhada bho nach fhaca mi thu. Theagamh gu ’n robh thu ’n dùil nach bu mhaireann mi, nuair a bha mi cho ro fhada gun sgròbag a chuir ga d’ ionnsuidh. Mata, bha mi an deagh shlàinte, agus cha b’ e cion cothroim no cion pinn no paipeir, ach ged is bochd an t-aideachadh e, cion toil agus tuilleadh ’sa chòir de ’n leisge a bu choireach nach robh mi cho dìleas ’s a bu chòir dhomh do MHAC-TALLA. Ach “ruigidh each mall muileann,” is ma bhitheas gach ni gu math feuchaidh mi ri naigheachdan a chuir ugad an drasda ’sa rithist. Bha feur is arbhar ni b’ fhearr againn air an fhoghar so na bha iad o chionn fada. Chaidh an coirce gle mhath, ’s ma chuireas sinn gu buil e faodaidh sinn min gu leoir a bhi againn; ’s tha choltas air a bhuntàta gu ’m bi e gu math pailt. Leis gach seòrsa barra eile a dh’ fhaodas duine a thogail bhar fearainn ’s coir dhuinn a bhi taingeil. Tha fhios nach urrainn a h-uile neach a bhi na “Charnegie” no na “Mhorgan,” ach faodaidh iad a bhi a cheart cho riaraichte agus gu bitheanta gu mor ni ’s riaraichte, le ’n staid iosal na iadsan aig am bheil na mìltean de dh’ òr ’s de dh’ airgiod. Mar a thuirt neach roimhe: “Am fear aig am bheil fortan Tha crois aige na ’cheann, ’S tha mise taingeil, toilichte, Ged robh mo sporan gann.” Cha robh iasgach nan giomach ach gle fhad air ais mu na cladaichean so air an t-samhradh s’a chaidh. Bha stoirm air muin stoirme againn, ’s chaidh na trapaichean ’s na ròpan a bhristeadh cho dona, agus an iomadh àite chaidh an call gu buileach, ’s gu ’m b’ fheudar do dh’ iomadh iasgair leigeil leis an iasgach fada roimh àm stad. Ach iadsan a bha uidheamaichte airson iasgach rionnaich is truisg rinn iad gle mhath: cuid a bhàtaichean a ghlac cho àrd ri tri fichead baraille ’sa deich de rionnach a mhàin, ’s iad a faotainn mu ochd dolair am baraille air a shon, a bharrachd air roinn mhath de throsg a ghlacadh air a chùl sin. Ach cha do ghlacadh dad sam bith de sgadan, ge b’ e àite no taobh a thug an t-iasg còir sin air. Cha ’n ’eil e tathaich oirnn ’s na h-àmannan so idir. Ged tha ’n t-iasgach na rud a tha gle airgiodach, cha ’n ’eil e idir gun ànnradh is cunnart. Is iomadh duine tapaidh a fhuair uaigh air grunnd a chuain, agus is iomadh neach a tha sàbhaladh glé chaol. Beagan bhliadhnaichean air ais chaidh duine a mhuinntir Fourchu, faisg air an àite so, tromh chunnart cho mor tha mi ’n dùil ’sa chàidh iasgair riamh. Bha e mach ag iasgach aon latha, ’s nuair a bha e tilleadh gu caladh feasgar, bhuail osag làidir gaoithe na siùil aige ’s chaidh am bàta fodha. Ghreimich e fhéin is fear eile ri ràmh, ’s chaidh an treas fear fodha air ball. Cha b’ fhada gus an tug am fear eile bha ’n crochadh ris an ràmh suas a ghreim, ’s dh’ fhàgadh esan na ’aonar, gun ni fo ’n ghréin ris an greimicheadh e ach an ràmh. Ann an stoirm gaoithe bhar an fhearainn, am feasgar foghar a ciaradh, ’s gun bàta gun ni eile ri fhaicinn, cha ’n ’eil fhios dé ’n ùine, chionn cha ’n ’eil fhios ro mhath aige fhéin, a bha e ’san staid uamhasaich sin. Chaidh soitheach-seòlaidh seachad air, ach bha i astar ro fhada bhuaithe airson iad ga ’chluinntinn ag éigheach riutha no airson gu ’n tugadh iad an aire dha. Bha a mhisneach a teannadh ri thréigsinn nuair a thug e an aire do shoitheach eile a tighinn am fianuis. Thug so dòchas ùr dha. Bha e cumail a shùil oirre feuch an robh a cùrsa a laidhe far an robh e. Bha i a tighinn dìreach uige, gus an robh i mu thuaiream cairteal a mhìle uaithe, nuair a [TD 59] [Vol. 11. No. 8. p. 3] thainig osag gaoithe ro fhad an ceann ’s b’ fheudar dhi cumail leis bhar a cùrsa. Dh’ fhalbh a dhòchas agus cha mhor nach tug e e-fhéin suas. Ach mar a tha fear an t-saoghail fhada cha bhi baoghal uige, thainig an soirbheas na b’ fhàbharaiche is tharruing an soitheach suas, is lean i mar sin gus an robh eagal air gur h-ann a ruitheadh i sios e mu ’n tugadh iad an aire dha. Chunnaic iad e ’s ghrad chuir iad an soitheach an ceann. Chuir iad a mach am bàta ’s thog iad air bòrd e, is chuir iad gu tìr e, an déigh dha a dhithis chompanach fhàgail an grunnd a chuain. Bha e uair eile, beagan ùine mu ’n do thachair an sgiorradh muladach so dha, a muigh air acair ag iasgach, nuair a thàinig soitheach-seòlaidh a nuas orra. Bhual i am bàta mu ’meadhain ’s bhrùchd i sios do ’n aigeal i. Thachair a h-uile ni cho aithghearr ’s nach robh fios aig muinntir an t-soithich air ni gus am fac iad an triùir laoch sin a streap air bòrd air acfhuinn thoiseach an t-soithich, mar gu ’n éireadh iad direach á measg nan iasgan eile. B’ fheudar do ’n chaiptean gach cosdas is call a phàigheadh. CEANN LIATH. Framboise, C. B., Oct. 2, ’02. Eolas nan Gaidheal air Blaithean na Machrach. LE U. A. MAC ’ILL-IOSA, M. A. “Foghlumaibh cionnus a ta na lilighean a fàs ’s a’ mhachair; cha saothraich iad, agus cha sniomh iad. Gidheadh a ta mise ag ràdh nach robh Solamh fein na uile ghloir air eudachadh mar aon diubh so.”—Mat. vi. 29. CHA’ n ’eil mi ’dol a dheanamh searmoin air a’ cheann-teagaisg so, ach bheir mi oidhirp air a leigeadh ris dhuibh gun d’ thug ar sinnsre aire do ’n àithne. Tha sinn a deanamh uaill as an gaisge, an treubhantais, agus an uailse, ach choisinn iad cliù mar an ceudna airson an eòlas air obair cruitheachadh Dhé. Mun d’ fhuair iad eòlas slàinteil air troimh an Leabhar naomha, bha iad a leughadh mar a b’ urrainn iad leabhar Nàduir, a sgriobh Esan mar an ceudna. Chunnaic iad a chumhachd an neart nam beann, chual iad a ghuth anns an tàirneanach, agus thuig iad innleachd agus a ghliocas bho mhaise nan luibh ’s nan craobh. Tha e na ni furasda labhairt ribhse air, oir bha chuid mhor dhibh mar chlann “a ruith le fonn mu gach tom a buain nan ros.” Cha ’n ionnan agus muinntir a bhaile nach cuir dealachadh sam bith eadar copag agus buadhlan buidhe. ’Nur n-òige bha sibh air ur cuairteachadh le obair Nàduir. Fhuair sibh eòlas agus faodaidh mi a radh oilean nach d’ thoir cabhsair a bhaile mhòir am feasda seachad. Bha ’ur cluasan fosgailt’ ri ceòl nan eun, agus ’ur sùilean a beachdachadh air na luibhean. Dhrùigh sibh a stigh iomadh beachd mu’n t-saoghal agus mu Dhia, le bhi ’g amharc air blathan boidheach an t-samhraidh. Rinn ’ur sinnsre an ni ceudna. Bha na flùrain dhoibh mar bhriathran bho bheul nan aingeal a bha a toirt sòlas dhoibh ann am bron. Tha sgeul air aithris gu robh Malmhine na suidhe na h-aonar fo thùirse a caoidh leanabh a chaochail. Cha robh sòlas r’a fhaotainn; ach la de na laithean thainig a luchd frithealaidh d’ a h-ionnsuidh agus thubhairt iad: “A Mhalmhine, tha do naoidhean air tilleadh do’n t-saoghal mar ùr-bhlath bheag. Tha a bhilean fann dhearg mar fheoil naoidhein agus am bun cho geal ri sneachda. ’N uair a chrathas a ghaoth a cheann air an tullach uaine tha e mar phàiste ri cluich. Thig, a Mhalmhine, agus faic e.” Dh’ eirich Malmhine agus ’n uair a chunnaic i an neoinein shiab i a deòir ’us thubhairt i, “Is e so mo ghaolsa air tilleadh, agus mar neòinein bheir e sòlas do gach mathair a chailleas a cìochran.” Thainig sòlas is fearr na so a steach do ’n t-saoghal bho ’n latha ud ach is iomadh cridhe tinn trom a ni an neòinein beag aoibhneach fathast. Tha e air aithris nach b’ urrainn do na Ceiltich a thuigsinn ciamar a bha daoine a faotainn gibht na bardachd, agus fa dheireadh thainig iad do ’n chomh-dhunadh, gu ’n robh naoidh craobhan callduinn a fàs os cionn gach fuarain as am bheil abhuinn a sruthadh. Bha cnothan briagha dearga a fas orra, agus a tuiteam anns na fuarain. Bha am bradan ’g an sluigeadh agus bha gach duine a dh-itheadh am bradan sin a faotainn cumhachd na bàrdachd. Theagamh gur e so a tha fagail a bhradain cho measail, agus nam bàrd cho lionmhor am measg nan Gàidheal. Bha éifeachd shonruichte comh-cheangailte ris na h-ubhlan nan sealladhsan. Bha e air aithris gu robh iad a fas gu pailt ann an Innis nam flath. An uair a bha gaisgeach a dol á Ile do dh’ Eirinn bha e a tilgeadh sia ubhlan deuga ’s a chuan. Bha e sin a leum bho thé gu té. Tha sgeulachan de ’n t-seòrsa so a leigeadh ris dhuinn gu ’n robh mor-mheas aig ar sinnsre air luibhean ’us craobhan air an sgàth fein. Is e so a tha a toirt a maise do bhàrdachd nan Gaidheal Anns gach linn bha iad ag gabhail tlachd ann a’ bhi toirt samhlachdan bho luibhean na machrach. Bho na bàird aosda gu Niall Mac Leòid tha so r’a fhaicinn. Anns an ni so bha buaidh mhor aig a bhàrdachd Ghàilig air a’ Bhéurla. Tha Sasunnaich fhiosrach ag aideachadh gu ’m b’ ann bho na Gàidheil a fhuair iad a chiad sealladh air obair nàduir. Tha fios againn gu’n robh a bhardachd Ghàilig comharraichte airson so riamh, agus nach robh a bheag dheth anns a’ Bheurla gus bho chionn ceud gu leth bliadhna. Ann an Dàn an Deirg tha Crimine a caoidh a céile anns na briathran so:— C’uime, Dheirg, an robh ar cridh’ Air an sniomh cho dlù ’n ar com’, A’s c’uim’ a spionadh thusa uam ’S an d’ fhagadh mise gu truagh trom? Mar dha lus sinn ’s an driùchd ri gàire, Taobh na creige ’m blàths na gréine, Gun fhreumh air bith ach an aon Aig an ola lus aobhach aoibhinn. Sheun oighean Chaothain na luis Is boidheach leo fein am fas, Sheun a’s na h-aighean eutrom, Ged thug an torc do aon diu ’m bàs. Is trom, trom, ’s a cheann air aomadh, ’N t-aon lus faoin tha fathasd beo, Mar dhuilleach air seargadh ’sa ghrein.” Tha dàin agus òrain Dhonnachaidh Bhàin làn de ’n aon ni. Ann an cumha Coire-Cheathaich tha e a toirt iomradh air fichead luibh. So a cheud earrann:— “Se Coire-Cheathaich na aighean siùbhlach An coire rùnach is ùrar fonn, Gu lurach, miad-fheurach, min-gheal, sùghar, Gach lusan flùar bu chubhraidh leam; Gu mollach, dù ghorm, torrach, lùisreagach, Corrach, plùranach, dlù-ghlan, grinn; Caoin, ballach, ditheanach, canach, misleanach, Gleann a mhilltich ’san lionmhor mang.” Agus a rithist:— “Na lagain chomhnard am bun nan sronag, Am bi na sobhraichean ’s neoinein fann, Gu bileach, feoirneanach, milis, roineagach, Mollach, romach, gach seors’ a th’ ann; Tha mala ghruamach de ’n bhiolair uaine Mu ’n h-uile fuaran a th’ ann ’san fhonn.” Is aithne do gach neach canach an t-sleibh. Cha ’n ’eil luibh eile ni ’s trice air ainmeachadh. ’N uair a tha bàrd a moladh a leannain, tha e coimeas a gilead ris a chanach, deirgid a gruaidh ris an ròs no an caorunn, agus a suilean ris na dearcan. Gheibh sinn e ann an òran a bhaird cheudna:— “Iseabal oig An òr-fhuilt bhuidhe, Do ghruaidh mar an ros ’S do phog mar ubhal. . . . . . . ’Se coltas na h-ainnir An eal air an t-snàmh, Do chneas mar an canach Cho ceanalta thà.” Tha Mac Mhaighstir Alasdair mar an ceudna a tabhairt an aire do dh’ ioma luibh. Tha e ag iomradh air “Sobhrach gheal bhuidh nam bruach, Bhios na h-éideadh ’san earrach ’S càch a folach an sùl.” Anns an oran cheudna—“Oran an t-Samhraidh”—tha e ’g ràdh: “’S cubhraidh fàile do mhuineil A chrios Chuchullainn nan càrn.” Cha ’n aithne dhomh oran idir is mo a tha leigeadh ris mar a bha aigne nan Gaidheil air an dusgadh le luibhean na machrach na “Cumha a Bhaird Aosda.” Anns an dol a mach tha e ag radh— “O caraibh mi ri taobh nan allt, A shiubhlas mall le ceumaibh ciùin; Fo sgail a bharraich leag mo cheann, ’S bhi thusa ’ghrian ro chàirdeil rium.” (Ri leantuinn.) LITIR A MOOSOMIN. A DHEAGH CHARAID,—Tha ùine mhor o nach fhaca mi litir, port no òran as an tìr thiorail so, ’s mar sin smaointich mi mo pheann meirgeach a fhliuchadh an nochd, ged a tha mi sgìth, agus beagan shreathan a chur ga d’ ionnsuidh, a leigeil fhaicinn gu bheil sinn fhìn ’sa Ghàilig beò, slàn, agus a gabhail freumh daingeann air machraichean mòra, farsuinn an Iar-Thuath. Tha grunnan math an taobh so a dh’ fhaodadh sgriobhadh ugad na ’n togradh iad, a tha comasach gu leor air Gàilig a sgriobhadh. ’S fhad o bha dùil agam a chithinn litir o mo charaide Callum Dùghalach, deagh sgriobhadair Gàilig, na d’ phaipear. Mur b’ e nach ’eil mi ro làidir ’san àm, bheirinn fàsgadh math air gus a bhrosnachadh; ach an uair a dh’ òlas mi botul no dha eile (cha ’n innis mi dé ’n stuth), tha mi smaointean nach ruig mi leas a bheag de dh’ eagal a bhith agam roimhe, ’s mar sin ma chluinneas sibh osnaich throm an ùine ghearr tuigidh sibh co bhios ga ’deanamh. Tha bàrr fior mhath againn air a bhliadhna so, agus tha e nis gus a bhith uile fo dhion ’sa chruaich, gun bhoinne uisge bhualadh air o chaidh a ghearradh. Fhuair sinn, a reir iarratas an t-seann duine, “samhradh breac riabhach, ’s foghar geal grianach” do ’n ghrainnsich air a bhliadhna so. Bha ’n samhradh cho fliuch o thoiseach gu deireadh, agus cho bras fàs, ’s gu ’m feumadh daoine cumail a dol fo sgàileagan gu dian, mu ’n gabhadh iad freumh ’san talamh. Tha cuid ag radh gu ’n d’ thainig òirleach no dha eile ’m bliadhna air “Aonghas mór,” anns an robh faisg air seachd troidhean roimhe, agus a sguir a dh’ fhàs o chionn fada. Tha eagal orm gu bheil moran de na seann chleachdaidhean neo-chiontach Gàidhealach air thuar a dhol air diochuimhn oirnn an so buileach glan. Cha chluinn sinn deireadh-bhuana, no deireadh-chròdha, no ni, mar a’s trice, ach an saoghal ’san obair air iasgach an dolair ghuirm, leis gach beairt is dubhan is ùire ’s is innleachdaiche na ’chéile. Ach faodaidh mi ràdh gun [TD 60] [Vol. 11. No. 8. p. 4] teagamh gu ’m bi féisd aig a chuid is motha an so daonnan, ’s nach bi annas aca de bhiadh math ’s e aca cho tric. Ach air a shon sin dh’ fhaodadh iad aig amannan mar sid, co dhiù, beagan cridhealais a bhi aca a dhùisgeadh iomadh seann chuimhneachan taitneach mu ’n tìm a thriall ’s nach till gu bràth. Thug mi sgrìob bhuam o chionn ghoirid, ’s a seasamh air cnoc mor dh’ fheuch mi ris na bha chruachan cruithneachd na ’m shealladh a chùnntais, ach b’ fheudar sgur gun bhuaidh; an uair a thòisich na cruachan ri ruith a chéile, dhiùlt na sùilean an còrr a dheanamh. Tha iomadh òigear aonaranach air na machraichean mora so, a’s fhearr na “madadh-ruadh,” aig am bi iomadh buiseal òrbhuidh am bliadhna, aig nach ’eil urad na “pioghaid” fhéin gus a chuideachadh ga ’chosg, an gùn no ’m bròig, ’s mar sin bu chor do phàirt dhe na caileagan Gàidhealach tha agaibh ri—Cha ’n abair mi ’n corr. Tuigidh fear-leughaidh leith-fhacal. Bha mi o chionn ghoirid air banais Ghàidhealach an taigh Iain Mhic Cormaic, Earlswood, fear do chàirdean MHIC-TALLA. Neo-ar-thaing pìobaireachd is fìdhleireachd is dannsa. Anns a chòmhlan aighearach so bha beagan de na seann laoich Ghàidhealach, a bha na ’n suinn threun a siubhal bheanntan na Gàidhealtachd, an uair nach robh guth duine no ni gu bristeadh na sàmhchair ’san Iar-Thuath, ach geun a chruidh fhiadhaich is donnalaich a mhadaidh-allaidh. Thug mi an aire gu ’n robh na daoine còire so ag amharc le sùil fharmadach air an òigridh a bha “ceumadh urlair gu réidh, aotrom, fuasgailteach.” “Nach fhearr dhuibhse,” arsa cuideiginn, “eirigh agus aon ruidhle ’dheanamh?” “’S fhad, a ghràidhein, o’n a dh’ fhalbh an latha sin,” arsa seann fhear. “Chuir an aois ’s a lòinidh buarach eadar mise agus an toileachadh sin, agus tha greis o’n latha sin.” Ach coma co dhiubh, thòisich na seana phuirt, ’s gach fear a bha dol troimh ’n fheadan bha fuadach bliadhna no dha a mach air an uinneig, gus mu dheireadh na theich an lòinidh fhéin na ’n déigh, ’s bha an t-seann fheadhainn air an ùrlar. Thòisich an ceòl, ’s bha iadsan gu fàillidh a cur deuchainn air na casan, feuch am faodadh iad earbsa ’chur asda, ’s ga ’m faighinn daingeann, cruaidh, leigeadh as an t-srian, ’s mur an robh na sparran an cunnart an uair sin! Ach tha eagal orm gu ’n robh ’n aois ’s an lòinidh gu dileas ga ’m feitheamh aig an dorus ’n uair a bha ’n oidhche seachad. Cha chuala mi ’bheag a dh’ òrain. Tha eagal orm gu bheil iad air a dhol air dichuimhne. A bruidhinn mu òrain, bu toigh leam fhaicinn ann am MAC-TALLA beachdan a thaobh nam bàird Ghàidhealach, o bhritheamhan do ’n aithne iad. Tha gu leor dhiubh nach aithne dhomh fhìn. Ach tha mi smaointean, air-son fior bhàrdachd, gu bheil an Dotair Mac Lachlainn air thoiseach air gu leòr a tha na ’s ainmeile na e. Thoir beannachd bhuam agus taing gu “Peigidh Phabach.” Tha mi ’n dòchas nach leig i le ’peann meirgeadh, mar a thuirt an t-Eirionnach. Ma thachras dhomhsa a dhol cho faisg ri deich mìle do Lag an t-Slòcain theid mi gun teagamh ga ’h-amharc. ’S airidh na gillean còire ’tha cuimhneachadh ort thall aig iomall a tuath an t-saoghail, an Dawson, am moladh. ’S fhad o chaidh a radh gu ’m bu Ghàidheal a gheibheadh am “maide mor” a tha cumail suas a chinn ud dhe ’n chruinne, agus a th’ air chall cho fada. Ma thachras e ri fear dhe na gillean còire so an àm dhaibh a bhi sireadh an òir ’s na h-oiseanan tuathach ud, tha mi ’n dòchas gu ’n cuir iad meanglan dheth gu MAC-TALLA. Tha mi ’tuigsinn gu bheil “Iain” agus “Bodachan a’ Ghàraidh” a gleusadh nam peann ’s a lionadh nam balg air choinneamh a gheamhraidh, ’s mar sin bidh sinn le foighidinn a feitheamh ri fuasgladh nan sreang. Bhur caraid, SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. Moosomin, Oct. 3, 1902. OIDHCHE CHALLUINN AGUS OIDHCHE SHAMHNA. LE AONGHAS MAC FHIONGHAIN. RI mo cheud chuimhne-sa, ann an iomadh ceàrn de’n Ghàidhealtachd bu mhòr an toil-inntinn a dheanadh na h-ingheanan agus na gillean òga ri làithean àraidh na bliadhna, mar a tha Oidhche Nollaig, Latha na Bliadhn’-ùire, Di-Dòmhnuich Càisg, Oidhche Shamhna, Oidhche Challuinn. Bhiodh de thoileachadh aig an òigridh ris na làithean so agus gur ann a bhiodh iad coltach ri coin-sheilge ’nuair a gheibheadh iad fuasgailte bho’n iallaibh air son a bhi ann an sàs ann an seann chleachdainnean na dùthcha. Latha Nollaig dh’ fheumadh gach teaghlach molt-Nollaig a mharbhadh. ’S ann an sin a bhiodh an latha, a’ deanamh mharag agus a’ dàthadh chinn agus chasan! Latha na Bliadhn’-ùire bhiodh na gillean òga ceannardan teaghlaich a’ cruinneachadh le’n cuid chaman ann am pàirce fhreagarrach air son iomain. Bhiodh iad fad an latha an sin a’ cur a’ chatha, agus an uair a bhiodh a’ chaonnag seachad bhiodh iomadh h-aon le cas chiùirte agus aodann leòinte leis na camain. An uair a bhiodh sin seachad, ’s a gheibheadh iad an dìnneir, cha robh ach coinneachadh ’s an tigh-òsda no ann an tigh coimhearsnaich. Bhiodh iad ann an sin gu madainn an là màireach ag òl agus a’ gabhail òran, le nèapaiginn mòr stiallach aca eatorra ’g a thogail agus ’g a leagail a réir fuinn an òrain a bhiodh aca. ’S iomadh droch shabaid a chunnaic mi aca mu’n dealaicheadh iad, agus ’s iad a dheanadh an t-sabaid fhuilteach; ach cha b’ fhada gus am bitheadh iad còrdte a rithist ’nuair a bhàsaicheadh mac-na-bracha orra. LATHA DI-DOMHNUICH CAISG. Bhiodh na gillean a’ goid nan uibhean air am màthair, a h-aon an dràsda agus a rithist, gus am bitheadh nead math aca cruinn air son an latha so. Dh’ fhalbhadh iad ’n am buidheannan còmhla gus am faigheadh iad àite freagarrach ’sa mhonadh. Bha iad a’ toirt leo poit agus teine, ’s an uair a bhruicheadh iad na h-uibhean a bha iad a’ giùlan ’n am boineidean, ’s an uair a dh’ itheadh iad an leòir dhiubh, bha ’chuid eile dhe’n latha ’g a chur seachad ri cleasan dhe gach seòrsa, gus am biodh an t-anmoch ann, ’nuair a rachadh iad dachaidh gu math sgith, ach am brù làn uibhean. OIDHCHE CHALLUINN. Ach ’s iad Oidhche Challuinn agus Oidhche Shamhna a bu mhò a bheireadh de thoileachadh do na gillean òga; oir cha robh leithid so de shaor chluich ri fhaotainn ach aon uair ’s a’ bhliadhna. Cha robh tigh ’s an áite nach robh bean-an-tighe ag ullachadh càrn de bhannagan air son nan gillean òga: ’s e fìor chorra thigh anns nach fhaigheadh iad bannag. An uair a dhorchaidheadh an oidhche gu math, bha h-aon no dithis a’ falbh còmhla gu tigh, fear a’ giùlan seice mairt no daimh a bh’ air a cruadhachadh air na spàrran. ’Nuair a thigeadh iad gu tigh, bha fear a’ bualadh na seice cho math ’s a b’ urrainn da le bata a bha e ’giùlan air son an aobhair, agus sheinneadh e mach— Calluinn a’ bhuidhe bhoicionn, Buail an craicionn! Dùbail bannag! Fosgail so! An uair a ghabhadh e ’dhuan thigeadh cuideigin thun an doruis leis na bannagan ’g an ionnsuidh; bha iad an sin a’ falbh gu tigh eile air a’ cheart dòigh gus an cuireadh iad cuairt air a’ bhaile. Cha luaithe a bha iad sin air falbh na thigeadh h-aon no dhà eile, fear agus stiall aige a bha air a ghearradh á seice chruaidh daimh, ris an canadh iad an caisean Calluinn, ’s an uair a chuireadh e ceann a’ chaisein ’s an teine gus am biodh tòchd dheth, chuireadh e ceann a’ chaisein ri sròin an fheadhainn eile, a’ gabhail a dhuain ’s a’ cheart àm:— Oidhche Choinnle, oidhche shona, Oidhche air am bi loinn is sonas, Maighdeanan a’ roinn nam bonnach, Coinnlean a’ boillsgeadh soluis; Chiream charam feadh an tighe, So an tigh ’s am beil mo ghnothach, ’S cha’n ’eil romham dhol na’s fhaide! ’Nuair a gheibheadh iad am bannagan tha iad a’ falbh air a’ cheart dòigh gu tigh eile. Leanadh iad mar sin gus an ruitheadh iad air a h-uile tigh ’s a’ bhaile. Bhiodh na pocannan làn de bhannagan air am biodh féisd aca gu ceann iomadach latha an déigh sin, ’s iad a’ guidhe bheannachdan orra-san a thug dhaibh na bannagan. Ach dh’ fhalbh sin, is thàinig so! OIDHCHE SHAMHNA. Air Oidhche Shamhna chruinnicheadh an òigridh còmhla ann an tigh àraid ’s a’ bhaile. Bhiodh iad ’an impis iad féin a bhàthadh a’ cur an cinn fodha ann an tubaichean mòra làn uisge, a’ ruith nan ùbhlan, a’ feuchainn ri ’n glacadh ’n am beul. An uair a bhiodh iad sgìth a’ ruith nan ùbhlan, thòisicheadh iad air losgadh chnothan, a’ cur dà chnò ’s an teine còmhla ann an ainm gille agus nighein òg air am biodh iad eolach, agus nan lasadh an dà chnò còmhla bhiodh an dithis cinnteach ri pòsadh. Mu ’n cuireadh iad na h-ingheanan agus na gillean òga ’s a’ bhaile còmhla le cnothan loisgte, bhiodh an teine air dol as, ’s am poca chnò falamh. Chruinnicheadh na balaich òga còmhla, agus an sin dh’ fhalbhadh iad ’n am buidheannan gu iodhlainn nan coimhearsnach a ghoid a’ chàil, agus is dòcha nach biodh stocan cail air ’fhàgail anns an iodhlainn ’nuair a thigeadh a’ mhadainn. Rachadh iad leis na stocannan gu faicilleach suas ùrlaran nan tighean a bha iad fein a roghnachadh, agus an uair a thigeadh iad ’am fradharc an teine, bha iad a’ tilgeil na stocannan air an teine le’n uile neart. Sgapadh iad a h-uile éibhleag a bha air a’ chagailt feadh an tighe. Cha chluinneadh tu ach sgread thall ’s a bhos aig muinntir an tighe. Cho luath ’s a bha na balaich a’ tilgeil na stocannan càil bha iad a’ tàirsinn as cho luath ’s a bheireadh an casan iad. Bha iad cas-ruisgte, agus cho luath ris na feòragan, ’s cha robh math a dhol ’n an déigh, ’s mar sin cha robh fios co rinn an cron. Buidheann eile rachadh thun a’ chladaich, agus leigeadh iad a mach air a’ mhuir, gun ràmh, gun duine, na sgothan a bh’ air an tarruing gu math suas air tìr. Air an là-mhàireach cha robh aig na daoine leis am bu leis iad ach dol a shiubhal nan cladaichean a’ shealltuinn air son an cuid sgothan. Cuid, gheibheadh iad gun bhristeadh, cuid eile gheibheadh iad iad leis na cliathaichean air an cur a stigh leis na creagan, a réir ’s mar a bhiodh an ainmsir. Bhiodh feadhainn eile toirt nan cuibhlichean bhar nan cairtean, ’s ’g an ruidhligeadh leis na bruthaichean, a’ leum thar chùirn agus chnocan, agus nach stadadh gus an ruigeadh an cladach. Cuid a’ leigeil a’ chruidh agus nan [TD 61] [Vol. 11. No. 8. p. 5] each mach as na bathaichean agus na stàblaichean, agus an fheadhainn leis am bu leis iad ’s dòcha fad an ath-latha a’ sealltuinn air an son feadh a’ mhonaidh. Bhiodh iad mar sin ré na h-oidhche. Bha mòran de olc air a chur ’an gnìomh leo aig an àm so; cha robh fios ciod a dheanadh iad riu féin. Na ’m biodh a leithid sud de chron ’g a dheanamh air an latha an diugh, gheibheadh iad am prìosan air a shon; ach cha robh cron ’sam bith annta a’ chuid eile de’n bhliadhna mur biodh iad a’ gleachd no a’ sabaid ’n am measg féin; oir bha iad ’an còmhnuidh ri sin, gu h-àraidh na’m bitheadh gille làidir tapaidh ’n am measg, is dòcha gu’m feumadh e a dhol a shabaid còig no sia uairean ’s an aon latha. Cleachdadh eile a bhiodh aig na h-ingheanan òga air an oidhche so: bha aig a h-uile teaghlach ’s an àite sòrn air son cruadhachadh an t-sìl. Rachadh na h-ingheanan le ceirsle de shnàth stocain gus an àth. Ghleidheadh iad greim air ceann an t-snàith agus thilgeadh iad a’ cheirsle ann an sùil na h-àtha, agus ’nuair a ghlaodhadh iad, “Co tha sin air ceann mo shnàthainn?” “Tha mise!” ars’ am fear òg ’s e ’g éirigh leis a’ cheirsle shnàith ’n a láimh; b’e so am fear a bha i ri pòsadh. Bhiodh na gillean ’g an cur féin am falach ’s an àth, feuch cò thigeadh air an son. Tha cuimhne agam air seann bhean a bhiodh ag innseadh dhomh mu dhéighinn nighinn òig àraidh a chaidh do ’n àth air an oidhche so, ’s an uair a thilg i a’ cheirsle ann an sùil na h-àtha, thuirt i. “Co e so air ceann mo shnàthainn?” “Tha mise, an deamhan!” arsa fear, ’s e aig éirigh air a chruth-atharrachadh. Thuit a’ chaileag bhochd seachad ann an neul. Tha e coltach nach robh i riamh ceart an déigh sin. Ged a bha na cleachdainnean so iongantach agus sean, thàinig sin orra bho shinnsireachd ’nuair a bha ’n dùthaich ann an dorchadas agus gann de eòlas litireil. Cha ’n ’eil dùthaich ’s am bith gun seann chleachdainnean a thàinig orra bho shinnsireachd, ach bha na cleachdainnean iomadh uair ’n am meadhon air an dùthaich agus an sluagh a thoirt ann an ceangaltas maireannach nach dì-chuimhnicheadh iad ri ’m beò. Is iomadh àite dhe ’n t-saoghal anns an do choinnich cuid dhiubh ri chéile, ’s an uair a thuirt an darna fear ris an fhear eile, “Bheil cuimhne, agad air an oidhche a bha sinn air Challuinn, agus a’ goid a’ chàil còmhla?” “Tha, agus bithidh,” ars’ am fear eile, “cho fad ’s is beò mi!” Bha sin a’ togail blàths agus càirdeas ’n an cridheachan d’a chéile, ’nuair a chuimhnicheadh iad air na làithean gun chùram agus neo-chiontach an òige. SEARMON AIRSON NA H-OIGRIDH. “Iosa, ’chum, tre ghràs Dé, gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine.—Eabh. ii. 9. THA dòigh-labhairt ann ris an abair sinn “samhlnchadh cainnte,” a tha fìor chumanta am measg dhaoine, agus a tha air a cleachdadh gu tric ann am focal Dhé. ’S ann ’na thròcair—’na chaoimhneas—a tha Dia a’ gabhail na dòighe so, ’chum cuideachadh leinn ’nar n-aineolas ’s ’nar laigse, na nithe mòra ’tha e a’ cur an céill a thuigsinn; dìreach mar a labhras sinn ri leanaban beaga ann an cainnt leanabail. Nan rachainn-se ’mach maille ribhse, mo chàirdean òga, air maduinn àillidh ghrianaich—na craobhan uile fo bhlàth—an fhaich’ uaine fo fheur mìn ùrar—na h-eòin bhachlach bhòidheach a’ seinn gu binn ann am bun nam preas, ’s am bàrr nan dos,—is dòcha gu’n abrainn ribh, “Cia taitneach gach nì! Tha ’chruitheachd fo shòlas—tha gach faich’ a’s achadh ri gàire.” Cha’n ’eil mi leis a so a’ ciallachadh gu bheil sùilean aig na h-achaidhnean, no beul, no aodann; ni mò gu bheil e ’nan comas gàire a dheanamh, mar a ni sinne; no gu bheil iad comasach air toileachas-inntinn, mar a tha sinne. ’Se samhlachadh cainnt’ a ta ann. Mar so an uair a tha ’m Bìobull ag ràdh, “Chunnaic an fhairge Dia, agus bha i fo eagal,” ’s e an nì a ta sin a’ ciallachadh, gu ’n do tharruing an fhairge air a h-ais; dìreach mar a dheanamh neach a bhiodh fo eagal, ’s a chlisgeadh air ais le oillt. ’Se samhlachadh cainnt’ a ta ann. Tha ’n saoghal ag amharc ait, sòlasach, aoibhneach, mar a ni duine gàire ’nuair a bhios e subhach. Nis, feuchaibh an urrainn duibh na briathran a ghabh mi mar stéidh theagaisg a thuigsinn, an uair a ta e air a ràdh gu ’n do “bhlais Crìosd bàs airson gach duine.” Anns na lìnntibh anns an deach am Bìobull a sgrìobhadh, bu chleachdadh dhoibh daoine a bhristeadh laghanna na rìoghachd a chur gu bàs air caochladh dhòighean. Bha cuid air an clachadh gu bàs—bha cuid air am bàthadh; ach bha i na dòigh chumanta a thoirt orra cupan a ghlacadh ’nan làimh, agus na bh’ ann òl gu ’ghrunnd. Bha puinsean làidir ’sa chupan so. Dh’ òladh esan a bha air a dhìteadh e, agus ann an ùine ghoirid bhàsaicheadh e. ’Sann mar so a chuireadh gu bàs feallsanach urramaichte do’m b’ ainm Socrates—duine co stuama, ionraic, ghlic, ’s a bha ’na lìnn. Dhìteadh esan gu h-eucorach gu bàs. Thugadh an cupan d’a ionnsuidh, agus dh’ fheòraich e ciod a bh’ aige ri dheanamh. “Cha’n ’eil nì air bith ach na tha ’sa chupan òl—coiseachd air t-ais agus air t-aghart, gus am mothaich thu do chasan a’ fàilneachadh: an sin sìn thu féin air do leabaidh, agus caidil gu sàmhach.” Thuig e na bha ’nam beachd, agus rinn e mar a dh’ iarr iad air. Dh’ òl e na thugadh dha, agus thuit e gu ciùin ann an suain a’ bhàis. Nis, tha stéidh mo theagaisg a’ leigeil ris duinn a’ chinne’-dhaoine mar mhuinntir a ta air an dìteadh gu bàs; mar gum biodh iad uile ann am prìosan, agus cupan làn de phuinsein air a chur ann an làimh gach aoin aca, agus air an dìteadh gu ’òl. Nis, smuainichibh a’ bhuidheann thruagh so air an toirt a mach as a’ phrìosan—air an cuir nan seasamh ann an sreath, gualainn ri gualainn—cupan de’n phuinsein air a chuir ’an làimh gach aon diubh—agus mar bhinn a mach orra, nach robh dol as aig neach seach neach, ach a h-uile h-aon gum b’ éigin da an cupan òl gu ’ghruund. Air an àm so, feuch Iosa Crìosd a teachd! Tha e ’gabhail truas mòr de na daoine bochda so—de na prìosanaich thruagha. Tha e ’gabhail a’ chupain o làimh gach fir air leth, agus ’ga òl e féin air an son, agus ’nan àite. Tha e mar so ag òl no a’ blasad bàis airson gach aoin diubh. Tha so, ann an samhlachadh cainnte, a’ leigeil ris duinn na rinn Crìosd airson pheacach. An uair, matà, a leughas a h-aon agaibh na briathran sòlasach so, tha dòchas agam gum bi beachd agaibh ciod a tha air a chiallachadh ’nuair a tha e air a ràdh gu’n do bhàsaich Crìosd airson pheacach, agus, ’an lorg sin, gu’n do theasairg e iad o ifrinn; dìreach mar a thèaruinn e na prìosanaich bhochda air an robh sinn a’ labhairt, leis a’ chupan phuinseanta òl air an son. Tha barail agaibh ciamar a dh’ fhaodas tròcair, a’s sochair, a’s caoimhneas, teachd an caramh duine, cha ’n ann air a shon féin, ach air sgàth no airson neach eile. Chum so a shoilleireachadh. Pheacaich, mar a tha fios agaibh, clann Israeil an aghaidh Dhé ’san fhàsach; agus bha Dia ’dol a thoirt breith, a’s binn, a’s bàs, a mach an aghaidh gach aon diubh. Ach chaidh Maois, òglach dìleas an Tighearna, agus ghuidh e air an son, as an leth; agus chuala Dia ùrnuìgh Mhaois, agus thaisbean e tròcair a thaobh muinntir chiontach Israeil airson Mhaois. An uair a reiceadh Ioseph na thràill, agus a ghiùlanadh air falbh e do’n Eiphit, bheannaich Dia a mhaighstir, agus bheannaich e an Eiphit, airson Ioseiph. Agus daoin’ a tha air an dìteadh gu bàsachadh, agus a tha ’toilltinn bàis, tha iad air uairibh air an caonadh a’s air an saoradh air sgath feadhnach eile nach ’eil ciontach. Feuchaidh mi so a shoilleireachadh dhuibh. Tha àite ’sa bhaile-mhòr so (Glascho) ris an canar Tigh a’ Mhòid, airneo Talla nan Mor’earan Dearga. Tha na mor’earan àrda—breitheanan na dùthcha—ann, a’ feuchainn nam feadhnach a tha nam prìosanaich. Tha thu ’dol a stigh, ’s a’ faotuinn an àite làn de dhaoine. Tha duin’ òg ann fa chomhair nam mor’earan, air a dheuchainn airson cionta mòr a tha air a cur as a leth. Tha ’n luchd-lagha an deigh na b’ urrainn doibh a ràdh as a leth. Thugadh fianuisean pongail air an aghart. Tha ’chùis seachad—fhuaras ciontach e. Tha gach nì air a làn dhearbhadh ’na aghaidh. Is éigin gum bi e air a chur gu bàs. Tha na maoir ’ga thoirt a stigh do’n chùirt, a chum ’s gu’n cluinn e a bhinn. Faic am mor’ear àrd—am breitheamh! Tha ’m pàipear ’na làimh air a’ bheil binn an òganaich thruaigh sgrìobhte. Tha e ’g amharc ’an clàr-aodainn a’ chiontaich thruaigh, a’s tha e mar so a’ labhairt ris:—“A dhuin’ òig, fhuair a’ chuirt thusa ciontach anns na bha air a chur as do leth. Am fiosrach leatsa aobhar no reusan sam bith airson nach còir binn a’ bhàis a thoirt a mach a’ d’ aghaidh airson an lagh’ a bhrist thu, ’s a tha ga d’ dhìteadh gu bàs.” Tha ’n duin’ òg ag éiridh. Faic mar a tha ’dhà làimh air an togail—air am pasgadh ri chéile, ann am mòr thuairgneadh ’anama! Tha na maoir a’ dlùthachadh air, an earalas nach toir e oidheirp air teicheadh. Tha e ’seasamh car tamuill na thosd. Tha na deòir a’ ruith gu frasach a sìos air a ghruaidhean. Tha e ’tòiseachadh ri labhairt, ach focal cha ’n urrainn da ’ràdh. Tha reachd ’na mhuineal—tha a’ chuis a’ dol ’na aghaidh—tha a theanga ’leantuinn ri ’ghiall. Mu dheireadh tha e ’g ràdh, “Tha mi an comain na cùirte, nam breitheanan, an luchd-lagha, ’s gach aon, airson na dòigh anns an deachaidh mo chùis a ghiùlan ’s a rannsachadh. Tha mi lan thoillteanach air bàs. Is ceart-bhreitheach mo dhìteadh, ’s mo chur gu bàs. Leisgeul cha’n ’eil agam air mo shon féin. Cha ’n ’eil mi ag iarraidh maitheanais. Ach O, éisdibh mi! Fad air falbh o ’n àite so, ann an tìr iomallaich de ’n rìoghachd, tha beinn àrd a tha ’g éiridh gu nèamh. Aig a bun tha machair uaine co àillidh ’s a tha air an talamh uile, air bruaich aibhne co siùbhlach ’s a tha ’ruith gu tràigh. Air taobh na h-aibhne sin, ’s aig bun na beinne mòire sin, tha bothan bòidheach, fo dhubhar chraobh a tha aosmhor àrd. ’Sann ’san àite sin a rugadh ’s a thogadh mi—’san aite sin chuir mi seachad maduinn ghrianach mo làithean. Cha robh an abhuinn sin riamh traoghta; bha ’mhachair sin a ghnàth ùrar, uaine, àillidh. ’San àite sin chaith mise còig-bliadhna-deug de m’ làithean, co cridheil, sunndach, aighearach, ri aon smeòraich a sheinn riamh ’sna speuraibh os mo chionn; agus a chòmhnuidh sa’ bhothan bheag uaigneach sin, air bruaich an uillt is borbhanaiche fuaim, tha seann duine—seann saighdear, a chuir iomad blàr airson a dhùthcha—a dhòirt ’fhuil ann an iomad teugmhail chruaidh; seadh, air latha nach dì-chuimhnichear ann an eachdraidh a dhùthcha, theasairg e bratach dhearg Bhreatuinn, ’nuair a theich na bha mu ’n cuairt da. Tha esan a nis ’sa chùirt aig a’ bheil cuimhne mar a ghiùlan m’ athair e [TD 62] [Vol. 11. No. 8. p. 6] féin ann an iomad blàr—mar a thilg se e féin eadar a cheannard ’s am bàs; agus, le ’bheatha féin a chur an cunnart, thèaruinn e beatha an fhir eile. Tha e nise na sheann duine—lag, aosmhor, breòite. Tha falt a chinn co geal ri canach na mòinteich; tha ’thaic air a luirg ’nuair a ghluaiseas e. ’Na suidhe ri ’thaobh, tha seann bhean bhreòite, aosmhor, lag. ’Si sin mo mhàthair. Aig a chasan, ’nan suidhe ri taobh a’ ghealbhain, tha mo dhà phiuthar bheaga. Tha e a h-uile feasgar a’ dol a dh’ ionnsuidh na h-uirsinne, a choimhead a mach, a’ faire, a dh’ fheuch a’ bheil mise, am bràthair, ris a’ bheil dùil aca, ’san t-sealladh. An uair a dh’ fhàg mi tigh m’ athar, chuir an seann duine a làmh air mo cheann, agus ghuidh e gu dùrachdach ri Dia air mo shon. Thug mo mhàthar a beannachd dhomh, agus ghuidh i thairis orm; agus chroch mo pheathraichean beaga ri m’ uchd, ’ga m’ phògadh. Gheall mi pilleadh air m’ ais, agus fuireach maille riu, ’s a bhi a’ m’ chùl-taic, a’ m’ shòlas, a’ m’ lorg da m’ phàrantan, gu àm am bàis, ’s an cinn a ghiùlan do’n uaigh. Ach a nis cha’n fhaod so tachairt; agus an uair a ghearrar mise as, ’s a chuirear, mar a tha mi gu làn thoilltinn, gu bàs mi, le uile pheacaidhean m’ òige air mo cheann, ruigidh an naigheachd truagh am bothan bochd sin, agus bheir e ceann liath an t-seann duine ’s na seann mhnatha ’dh’ ionnsuidh na h-ùrach le bròn. Seadh, sgànaidh an sgeul an cridheachan breòite. Cuirear mo phàrantan bochd a mach as a’ bhothan anns an d’ fhuair iad an àrach, gun uiread a’s aon duine air aghaidh an t-saoghail mhòir gu caoimhneas no iochd a thaisbeanadh dhoibh. Togar gach meur le tàir nan aghaidh. Aig cill no aig féill, cha chluinn iad ach, ’Sud pàrantan an fhir a chrochadh!’ O! an uchd nam feadhnach so—air sgàth na rinn m’ athair ’s air sgàth truacantais do m’ mhàthair ’s do m’ pheathraichean—téarnaibh mi, agus gabhaibh truas! Dhòirt m’ athair ’fhuil—seadh, fuil dhearg a chridhe—airson a dhùthcha. Air sgàth mo sheann mhàthair thruaigh aosmhoir, ’s mo pheathraichean beaga, faigheam maitheanas. Air mo shon féin, cha chridheach leam fheòraich; ach air an sonsa, air an sgàth-san, éisdibh, agus luigibh saor mi!” Tha ’m breitheamh measail ’ga éisdeachd le mòr aire. Tha’n deur ’na shùil. Tha e a’ gul: is athair e féin. Tha e ’labhairt mar so:—“’Oganaich! cha ’n ’eil e a’m’ chomas maitheanas a thoirt duit;—sin nì nach urrainn dhòmhsa ’dheanamh. Feumaidh mise binn an lagha ’thoirt a mach á d’ aghaidh. Cha ’n ’eil e comasach dhòmhsa dol a null no nall o cheartas. Tròcair cha ’n urrainn mise ’thaisbeanadh; ach ’s aithne dhomh aon a tha comasach air tròcair a thaisbeanadh—aon aig am bheil an comas. Innsidh mise do ’n t-aon so t’ eachdraidh—na thachair dhuit; agus innsidh mi, mar an ceudna, eachdraidh t’athar, agus na rinn e; ’s tha dòchas agam, air sgàth na rinn an seann duine, gum bi maitheanas air a dheònachadh dhuit, mar gniomh gràis, uaithe-san is urrainn so a dheanamh.” Nis, tha ’m breitheamh ag innseadh do ’n rìgh mar a thachair—nàdur an uilc, ’s na h-eucoir, ’s am peacadh a rinn an t-òganach, ’s mar a b’ éigin dhàsan a bhinn thoirt a mach. Tha e, mar an ceudna, ag innseadh do’n righ eachdraidh an t-seann duine. Tha righ ag éisdeachd. Tha chridhe air taiseachadh, ’s tha e ’toirt làn mhaitheanas do ’n òganach—cha ’n ann do bhrìgh gu ’n do thoill e maitheanas, ach air sgàth ’athar, a’s teaghlach ’athar. Tha so, ann an cuid de dhoighean, no ann an tomhas àraid, a’ toirt seòrsa de shoilleireachadh air an dòigh ’sam bheil Dia, air sgàth Chrìosd, a’ toirt maitheanais do pheacaich, ’s ’gan uidheamachadh airson nèimh. Anns an dòigh so chaidh barrachd de pheacaich thruagha, aithreachail, ag earbs’ ann an gràs a’s an toillteanas Chrìosd, a’s air an comh-éigneachadh le gràdh gu bhi beò dha, do néamh, na ’tha e comasach dhuinn àireamh no smuaineachadh—mòr shluagh o gach rìoghachd, a’s o gach dùthaich. Ach cha’n ’eil e ’nan comas uile gu léir a leigeil ris duinn gràs agus gràdh Dhé; oir so nì a tha eu-comasach a thuigsinn, no idir a mhìneachadh—tha e ’dol oscionn eòlais. Cha’n ann a mhàin air sgàth Chrìosd a tha peacaich a’ faotuinn maitheanais, ach do bhrìgh gu’n d’ rinneadh ìobairt-réitidh air an son. Bhàsaich esan, am fìrean airson an neó-fhìrean, a chum sinne ’thoirt a dh’ ionnsuidh Dhé. Dh’ fhulaing e, a’s bhàsaich e ’nar n-aite; agus tha a phobull air an cunntas fìrinneach, air sgath fìrinnteachd an t-Slanuighir, a tha air a chuir as an leth. (Ri leantuinn.) DOMHNULL AN OIR. LE FIONN. CHA ’n eil mi cinnteach cia mar a dh’ éirich am far-ainm so. Tha cuid ag ràdh gu ’n d’ fhuair Dòmhnull ulaidh agus gur e so a chuir air a chasan e, ’s tha feadhainn eile ’s a bheachd gur ann a rinn e ’airgiod thairis, ach ’s naigheachd eile sin. Coma co dhiu, thill Dòmhnull gu sgìreachd ’òige an déigh dha ’bhi air falbh fad fhichead bliadhna, agus cheannaich e tigh eireachdail anns a’ chlachan. Bha Dòmhnull ’n a bhantrach, ach bha aon nighean aige—caileag bhòidheach mu naoi-bliadhn’-deug a dh’ aois. Bha an nighean so barraichte air ceòl, ’s b’ ionann dhi fiodhall no clàrsach. Cha robh latha nach tugadh i tacan orra le chéile, agus cha ’n iarradh a h-athair ni b’ fheàrr na bhi ’g éisdeachd rithe. Ged a bha tigh Dhòmhnuill an Oir na sheasamh car leis féin, bha tighean eile gu math faisg air. Aig dara ceann an tighe bha ceàrdach Sheumais mhóir, agus aig a’ cheann eile bha bùth Phara-nan-sliseag, a bha na shaor-chairtean anns an sgìreachd o chionn còrr agus leth chiad bliadhna. Bha na seòid so eolach air Domhnull mu’n d’ fhàg e riamh an sgìreachd agus chuir iad fàilte chridheil air ’n uair a thill e, ged a bha am beachd fhéin aca air cia mar a rinn Domhnull a bheairteas. Goirid an deigh do Dhomhnull ’s d’a nighean dol a chomhnuidh do ’n tigh mhor a cheannaich e, thachair e latha ’bha sin gu’n robh Seonaid, b’e sin ainm a nighean, a cur an orudgh air son Coinneamh-chiùil mhoir a bha ri bhi ’s an Oban Lathurnach gu goirid. Bheireadh i tacan mu seach air fidhil ’s air clàrsaich, ’s bha a h-athair, aig an robh deagh chluais-chiùil, làn riaraichte le grinneas laimh a nighinn, agus cinnteach gu’n coisneadh Seonaid urram na Coinnimh-chiùil. Ann an teis meadhon a chiùil thoisich òrd mor na Ceardaich air bualadh, ’s chuir so an ceol air feadh na fidhle. Stad Seonaid d’a ceol gus am bitheadh an t-ord mor aig Seumas gobhainn na thosd, ’s cha robh i féin no ’h-athair idir toilichte. An ùine ghoirid sguir fuaim an ùird, agus thois Seonaid air a ceol. Cha deachaidh i fada air a h-aghaidh leis ’n uair a dh’ éirich buaireas eile, oir thoisich Para-nan-sliseag air òrdaireachd gun chiall ’s e cur ùrlar ùr ann an cairt Dhomhnuill-an-Achaidh. “Cha dean so feum, a Sheonaid,” ars’ a h-athair ’s e ’g éirigh, “phaigh mise gu daor air son an tighe so agus ’s bochd an gnothach mur faigh sinn sìth is sàmhchair ann; mu ’n seas mi’n stairirich ’s an làmhach so ni’s fhaide, bheir mi air a’ ghobhainn ’s air an t-saor dol air imrich ged a dh’ fheumainn peighinn no dhà a chur am bois gach fir aca chum an saodachadh air falbh.’ “Tha mi ’n dochas,” arsa Seonaid, “gu’n soirbhich leibh ’athair, oir tha e eu-comasach cluich anns an ùpraid so.” “Cha ’n ’eil cùram nach soirbhich leam, oir tha iad le chéile glé fheumail air na sgillinnean.” ’S e bh’ ann gu’n deachaidh Domhnull an Oir an taobh a bha ’n gobhainn, o’n a b’e a b’ fhaisge dha, agus dh’ innis e dha mar a bha cuisean agus dh’ fheuch e ri impidh a chur air imrich a dheanamh, ag gealltuinn dha coig puinnd Shasunnach a chuideachadh costas na h-imrich. “Chi sinn,” thuirt an gobhainn, “agus leigidh mi fios duibh gu goirid ma gheibh mi àit’ eile freagarrach air son ceàrdaich.” Chaidh Domhnull an Oir ’s thug e a’ cheart thairgse do Phara-na-sliseag agus is gann a bha Domhnull ’na thigh féin ’n uair a bha ’n gobhainn a null a dh’ fhaicinn Phàruig, agus chual e ciod a thuirt Domhnull an Oir ris an t-seann duine. “A dhuine chridhe,” arsa Seumas gobhainn, “nach ann oirnn a thàinig ’n uair a dh’ fheumas sinn dol air imrich a thoileachadh gràisg de dh’ fhìdhleirean ’s de chlàrsairean.” “’S ann agad tha ’n fhìrinn,” fhreagair Para-nan-sliseag, “ach nach e ’n gille ’n t-airgiod?” “Is e gun teagamh,” fhreagair an gobhainn, “ach ’s tric a mhill an cleas-air-fhichead am fichead cleas. Cha do bhlàthaich mo chridhe riamh ri Domhnull an Oir, ged nach ’eil fhios agam c’ar son, agus bhithinn coma ged a leigemid fhaicinn da ged is math an t-or ’na àite fhéin, nach ceannaich e na h-uile rud, ’s gu bheil daoine aig nach ’eil or idir a cheart cho tapaidh risan.” “Ciod mata tha thu bràth a dheanamh?” arsa Para-na-sliseag. “Ma ta, innsidh mise sin dhuit. Anns a’ chiad àite is math a laidheas na cóig-puinnd-Shasunnach aig Domhnull an Oir oirnn le cheile agus bithidh iad againn. Tha mi tuigsinn gu bheil Domhnull ’sa nighean a’ dol bho ’n tigh air an ath sheachdain, agus tha iad ri bhi air falbh re an t-samhradh. Mu ’m falbh e their sinn ris, mar chomain dhasan gu bheil sinn a’ dol air imrich, ged tha e car ceàrr agus cosdail sin a dheanamh; agus ma bheir e dhuinn na cóig-puinnd-Shasunnach sin gu ’m bi ’n imrich seachad mu ’n till e.” “Tha sin ciallach gu leoir ri eisdeachd ris,” arsa Pàruig, “ach, fhir mo chridhe, c’àite bheil sinn ri dol?” “Cha ’n ’eil fada,” fhreagair an gobhainn, “théid thusa do ’n cheàrdaich agam-sa agus thig mise a nall an so.” “A Mhoire, Mhoire! nach tu tha fada ’s a’ cheann,” arsa Pàruig. “Is imrich sin gun teagamh, ged a bhios caochladh bharail aig Domhnull an Oir air a’ chùis ’n uair a thilleas e.” “Mo thogair,” fhreagair an gobhainn, “mar thuirt Eóghan amadan e—‘Bitheadh esan a’ bruidhinn tha na h-uibhean againne’—bithidh an t-airgiod againne ’s faodaidh Domhnull an Oir a bhi feadaireachd no fìdhleireachd.” ’S e mar bha gu ’n d’ innis iad le chéile do Dhomhnull an Oir gu’n robh iad a’ dol air imrich ged a bha e car duilich àite freagarach fhaotainn, ’s ged a bha cuid mhath de chostas daonnan an lorg na h-imrich. Chuir Domhnull an Oir a làimh ’na sporan agus chunnd e cóig buinn oir ann am bois gach fir, agus dh’ fhàg e beannachd aca le chéile, a’ guidhe soirbheachadh math dhaibh leis an imrich. Goirid mu ’n do thill Domhnull an Oir ’sa nighean, rinn na seoid an imrich. Cha robh imrich riamh anns an sgìreachd a bha cho ainmeil rithe. ’N uair a thill Domhhull an Oir thuig e mar thug na seoid an car ás; làs a chorruich agus ’se ’thàinig ás gu’n do reic e ’thigh agus dh’ fhàg e ’n sgìreachd, ’s cha ’n fhacas innte riamh ’na dhéigh e. Mur do shiubhail e bho sin tha e beo fhathasd. Geallaidh am fear féumach an ni bréugach nach faigh; saoilidh am fear sanntach gach ni a gheall gu ’m faigh. [TD 63] [Vol. 11. No. 8. p. 7] Litir a Dun-ic-Uisdean. A BHALAICH ORT,—Ma ’s math mo chuimhne, tha latha ’s bliadhna o’n a sgriobh mi ugad mu dheireadh. Tha iomadh aobhar a dh’ fhaodainn ainmeachadh air son nach do sgriobh mi ugad. Anns a’ cheud àite cha robh mi cho math ’nam shlàinte ’s a b’ àbhaist dhomh, agus, mar a dh’ fhaodas tu fhein a thuigsinn, cha robh sunnd gabhail phort orm, no idir sunnd gu suidhe aig bòrd gu sgrìobhadh phort. Mar a tha fhios gle mhath agad fhéin, is e obair gle sgìtheil a th’ ann a bhith crom a’ sgriobhadh fad earrann de ’n latha. Agus mur bi sunnd sgriobhaidh air duine, cha dean e sgriobhadh ceart. Bha e air a theagasg dhomh o m’ òige na dheanainn a dheanamh ceart. Anns an dara àite, bha barrachd mor de dh’ obair eile agam ri dheanamh na rachadh agam air a dheanamh anns an t-suidheachadh anns an robh mi. Mar a thuigeas a h-uile duine anns am bheil tùr is toinnisg, feumaidh fear a bhios ann an seirbhis obair a mhaighstir a dheanamh mu ’n dean e obair sam bith eile. Ach tha mi ’gabhail a’ chothroim a th’ agam an diugh air a dha no tri dhe na puirt a th’ agam air chuimhne a chur ugad. Cuiridh mi sios an toiseach na facail a chuala mi air port a’ Mhorofhir Dhomhnullaich (Lord Macdonald’s Reel): Bidh Eoghainn is Fear a’ Chiudha ’S Fear an Rudha cuide ris, Bidh Eoghainn is Fear a’ Chiudha ’S Fear an Rudha cuide ris, Bidh Eoghainn is Fear a’ Chiudha ’S Fear an Rudha cuide ris, Bidh Eoghainn is Fear a’ Chiudha ’S Fear an Rudha cuide ris: Bidh Fear a’ Chiudha, Fear an Rudha, ’S Fear a’ Chiudha cuide ris; Bidh Fear a’ Chiudha, Fear an Rudha, ’S Fear a’ Chiudha cuide ris; Bidh Fear a’ Chiudha, ’s Fear an Rudha, ’S Fear a’ Chiudha cuide ris; Bidh Fear a’ Chiudha làmh ris, ’S bidh Fear a’ Bhàigh cuide ris. AM BATA AODIONACH. Tha toll air a’ bhàta, Tha toll air a’ bhiorlinn, Tha toll air a’ bhàta Bharrach, Càiridh na saoir i: Tha h-aon oirr’, tha dhà oirr’, Tha tri oirr’, tha ceitheir oirr’, Tha coig oirr’, ’s cha mhor nach ’eil naodh oirr’. BAIL’ AN LOCHA. ’S toigh leam fhin am baile beag ud Ris an canar Bail’ an Locha, ’S coma leam dhe ’n eilean mhosach Ris an canar Boidhraidh. ’S toigh leam fhin am baile beag ud Ris an canar Bail’ an Locha, ’S coma leam dhe ’n eilean mhosach, Ris an canar Boidhraidh: Tubaist air na Ceallan dubha, Tubaist air na Ceallan dubha, Tubaist air na Ceallan dubha, ’S na ma fearr do Ghrìmisaidh. Tubaist air na Ceallan dubha, Tubaist air na Ceallan dubha, Tubaist air na Ceallan dubha, ’S na ma fearr do Ghrìmisaidh. AM FAINNE. Gur e mo ghaol-sa ’m firionnach, ’Thug gini air an fhàinne; Gur e mo ghaol-sa ’m firionnach, ’Thug gini air an fhàinne; Gur e mo ghaol-sa ’m firionnach, Thug gini air an fhàinne, Thug gini air, thug gini air, Thug gini air ’s a phàigh e. LAIDHREAM. Laidhream air tighinn do ’n bhaile Eighrig nion Iain ’ic Callum. Laidhream air tighinn do ’n bhaile, Ceann lom laidhream. Laidhream air tighinn do ’n bhaile, Eighrig nion Iain ’ic Callum. Laidhream air tighinn do ’n bhaile, Ceann lom laidhream. Ceann filidh, ceann failidh, Ceann filidh, ceann failidh, Ceann filidh, ceann failidh, Ceann lom laidhream. Ceann filidh, ceann failidh, Ceann filidh, ceann failidh, Ceann filidh, ceann failidh, Ceann lom laidhream. AN GILLE BUIDHE. Gaol air a’ ghille bhuidhe, Gràdh air a’ ghille bhuidhe, Gaol air a’ ghille bhuidhe, Leannan Mairi Bhàlaidh. Gaol air a’ ghille bhuidhe, Gràdh air a’ ghille bhuidhe, Gaol air a’ ghille bhuidhe, Leannan Mairi Bhàlaidh. Hetrinn ho ro am bo, Domhull beag mac Ruairidh mhoir, Hetrinn ho ro am bo, Leannan Mairi Bhàlaidh: Hetrinn ho ro am bo, Domhull beag mac Ruairidh mhoir, Hetrinn ho ro am bo, Leannan Mairi Bhàlaidh. NIGHEAN GOBH’ AN DUINE. Sid an rud a gheibheamaid O nighean gobh’ an Dùine, So an rud a gheibheamaid O nighean gobh’ an Dùine, Sid an rud a gheibheamaid O nighean gobh’ an Dùine, Brochan tana, tana, tana, Brochan tana sùdhain. Brochan lom, tana, lom, Brochan lom sùdhain, Brochan lom, tana, lom, Brochan lom, sùdhain, Brochan lom, tana, lom, Brochan lom, sùdhain, Brochan tana, tana, tana, Brochan tana, sùdhain. IUCHAIR NA CLOSAID. Tha mo bhean am muigh, Tha, tha, Tha mo bhean am muigh ’N comhnuidh; Tha mo bhean am muigh, Tha, tha; Chaill i iuchair na closaid. Chaidh mo bhean-sa do na mhuillean, Bha i ’sgiolladh an eorna, Mu ’n do thill i rithist dhachaidh Chaill i iuchair na closaid. Chaidh mo bhean-sa do na mhuillean, Bha i ’sgiolladh an eorna, Mu ’n do thill i rithist dhachaidh Chaill i iuchair na closaid. DOMHULL BINN. Domhull binn, Domhull binn, ’S e ’na ruith air feadh an taighe, Domhull binn, Domhull binn, Chaidh e ’s a’ phig eòlain. Domhull binn, Domhull binn, ’S e ’na ruith air feadh an taighe. Domhull binn, Domhull binn, Chaidh e ’s a’ phig eòlain. An uair a bhuail a’ bhoilich e, Thoisich e feadh an taighe; An uair a bhuail a’ bhoilich e, Chaidh e ’s a’ phig eolain. An uair a bhuail a’ bhòilich e, Thoisich e feadh an taighe; An uair a bhuail a’ bhòilich e Chaidh e ’s a’ phig eòlain. (Air a leantuinn air taobh 64.) Gu Cairdean na Gaidhealtachd. Le dichioll thri bliadhna agus le suim bho ’n Riaghladh, thrus mi ri cheile £550 airson togail laimhrig do dh’ iasgairean a’ Stòrr, an Assaint; ach tha fathast £50 a dhìth oirnn airson an obair a thoirt gu crich. Tha mi a’ guidhe air ar càirdean an America cuideachadh leinn, le suim beag no mor. Tha mi a toirt cuireadh gu sonruichte dhaibhsan a chaidh á Assaint, agus a tha eolach air gach gàbhadh is cunairt a tha na daoine so a fulang air oirthir garbh an Stòrr. Sgriobh gu JOHN MACLEOD, M. A., Culkein Stoer, Sutherlandshire. Tha cuid-eigin ann an Toronto nach eil toileach ’ainm innse, a’ tairgsinn coig mile fichead dolair air-son tigh-eiridinn a chur suas anns an gabhar cùram de mhuinntir air am bheil a’ chaitheamh ’s nach eil comasach air cosdas lighichean a phàigheadh iad fein. D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An Togalach Mhic-Talla. Aite-comhnuidh—air Union Street. Telephone 364. SIDNI, C.B. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 64] [Vol. 11. No. 8. p. 8] (Air a leantuinn o thaobh 63.) CAS ODHAR. B’ e so an t-ainm a bha air piobaire cho math ’s a bha ri ’linn ann an Uidhist mu thuath. A réir mar a chuala mise, is ann mar so a thugadh “Cas odhar” mar fhar-ainm air:—An uair a bha e ’na ghiullan beag, thòisich e ri seinn feadain mar a bhiodh iomadh giullan eile ’deanamh aig an àm ud. Gus tìm cheart a chumail, bhiodh e bualadh le ’chois mar a bhiodh na pìobairean matha ’deanamh aig an àm ud, agus o ’n uair ud. Bhiodh a mhàthair, agus i ’sniomh no càrdadh an taobh shuas dhe ’n teine, ag radh an dràsta ’s a rithist: “Nach seall sibh a’ chas odhar.” Lean an t-ainm so ris ri ’bheò. Cha bhiodh e as an rathad dhomh facal no dha a radh mu dheidhinn an t-seana bhoirionnaich a th’ air a h-ainmeachadh anns a’ phort. Bha nion Eoghainn na diol-deirce truagh a bhiodh, mar a bha gu leor a bharrachd oirre, a’ falbh air feadh na dùthchadh feuch ciod a gheibheadh i o dhaoine caranta, truacanta—agus feumaidh mi aideachadh gu ’n robh daoine mòran na bu truacanta ris gach diol-deirce a thigeadh an rathad ’s an àm ud na tha iad ’s an àm so. Bha te dhe na casan aig nion Eoghainn na bu ghiorra na ’n te eile, agus bhiodh a h-uile rud a chruinnicheadh i air a cuairt troimh ’n dùthaich air a muin, agus mar sin theirteadh gu ’n robh dronnag oirre. ’Nuair a theid thu staigh do ’n tir ’S a thaghlas tu ’n Cnoc-an-lin, Seinnidh “Cas odhar” a’ phiob ’S gheibh thu ruidhl’ aighearrach. ’Nuair a theid thu staigh do ’n tir ’S a thaghlas tu ’n Cnoc-an-lin, Seinnidh “Cas odhar” a’ phiob ’S gheibh thu ruidhl’ aighearrach. A haoghail, a hodhail, Tha dronnag air nion Eoghainn, A haoghail, a hodhail, Cas mhor is cas bheag oirre. A haoghail, a hodhail, Tha dronnag air nion Eoghainn, A haoghail, a hodhail, Cas mhor is cas bheag oirre. DOMHULL DUALACH MAC IAIN BHUIDHE. ’S truagh nach robh mi posda Ri Domhull dualach mac Iain bhuidhe, ’S truagh nach robh mi sìnte Ri mac Iain bhuidh’ a Loch an fhaing. Tha mac Iain bhuidhe beadarrach, Tha mac Iain bhuidhe togarrach, Tha mac Iain bhuidhe beadarrach; ’S mac Iain bhuidh’ a Loch an fhaing. AN GOBHA ’BH’ ANN A’ HOGHGARRY. An gobha ’bh’ ann a’ Hoghgarry, B’ fhoghainteach an sealgair e; An gobha ’bh’ ann a’ Hoghgarry, B’ fhoghainteach an sealgair e; An gobha ’bh’ ann a’ Hoghgarry, B’ fhoghainteach an sealgair e; Mharbhadh e na feadagan, ’S gu ’n leagadh e na calamain. Mu ’n teirig an geamhradh cuiridh mi ugad a dhà no tri eile a th’ agam. Is mi do charaid, MAC UISDEAN. Dùn-ic-Uisdean, Mios Meadhanach an fhoghair, ’02. Is math bean an deagh fhir, ach is fhearr dha a faotainn math. Ged tha Mi Leam Fhein. LE MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN. Ged tha mi leam fhéin, Cha ’n innis mi bréug, Gun innis mi sgéula tràth dhuibh, Na dh’ fhuiling mi fhéin Bho chuid a luchd bhréug, ’S cha ’n urrainn daibh féin ga àicheadh. Bho ’n ghlais iad mi suas, An talla nan stuadh, Le ’n cumhachd, ’s le ’n cruadhs, ’s le ’n àrdan, Le Bàillidh gun tuar, Gun tuigse, gun bhuaidh, ’S ann o sheanair a fhuair o ’n tàlant. ’N uair chaidh mi ort suas, A dh’ iarraidh a ghuail, ’S ann thuirt thu cho fuar ri Nàbal— “Gu ’n d’ innis do ghruaidh, Do phearsa ’s do shnuadh, Gur beag tha de dh’ fhuachd na d’ fhàrdaich.” Ach na ’m bithinn ri roic, Ag itheadh ’s ag ol, ’S a’ cur mo chuid bhrog an phana, Gum faighinn uat gual, Is airgiod ’s a luach— Iallan fad’ o luchd-truais ’s o chàirdean. ’S na ’m biodh agad o shuas, An cumhachd ’s a bhuaidh Tha agad ’san uair mar Bhàillidh, Gu ’n cuireadh tu ’n sluagh A chladhach dhomh uaigh’, ’S gum bithinns’ fo stuaidh a’ bhàis leat. ’N uair a thig e le spoig, A dh’ agar a choir, Cha seall e ri deoir do phàisdean, ’S cha ’n fhaigh thu de ghloir, Ach anart is bord, ’S gheibh an daolag gu leoir na d’ fhàrdaich. Ged is iomadh deur bùirn A shil o mo shùil, ’S a thug thu o ghnùis mo phàisdean, Gun thaisgeadh iad suas Am buideal a thruais, ’S gheibh thusa do dhuais na ’n àite. Ge b’ e neach a bhios beo Gu aithris an sgeoil, Ged bhithinns’ fo ’n fhoid am màireach, Gum faic iad do chlann Fo shnaimeannan teann, Cheart cho cinnteach ’s tha ’n rann ga ràidhtinn. ’S ged chum thu do chluas Ri Boland ’s ri shluagh, Ma chuir e ri d’ bhuannachd fàirdein, Na creideadh an sluagh, Gur ceartas a fhuair Mi fhìn ’s am fear ruadh, Seoc Ghearrloch. Ged chuireadh tu suas Ciad not air mo chluais, Gum faighinnsa fuasgladh tràth dhiubh, Gu bheil ’s an taobh tuath, Na phaigheadh mo luach, ’S nach fàgadh mi uair fo smàig dhuit. ’S ma smaoinich thu uair Air do sheanair bochd, truagh, ’S a charraig o ’n d’ fhuair thu d’ àrach, Cha deanadh tu uaill, Ged gheibheadh tu suas Chiad duine ri cluais na Bàn-righ. Na smaoinichibh uair Gu bheil mi cho truagh, ’S air m’ fhàgail fo chruas an nàmhaid, ’S mi ’g innseadh dha ’n t-sluagh, Mar chaidh do bhuain;— ’S ann le onair a fhuair mi m’ àrach. Bha Màiri Nic-a-Phearsain, no Màiri nighean Iain Bhàin, corr is leth-cheud bliadhna mu ’m b’ fhiosrach eadhon i-fein gu robh spiorad bàrdachd aice. Agus mar a tha i ’g ràdh ann an oran eile—“Oran do Eilean a’ Cheo”— “’S e na dh’ fhuiling i de thamailt A thug a bardachd beo.” Mu bhliadhna an deigh bàis a fir, rinneadh eucoir oirre le Bàillidh an fhearainn, agus dhùisg sin i gu gleusadh a cruit-chiùil a lean air seinn cho binn fad corr is fichead bliadhna. ’S ann mu ’n bhàillidh ’s mu ’n eucoir a rinn e oirre a tha ’n t-oran so agus iomadh oran eile a rinn i. Chuidich a cuid bàrdachd gu mor leis an t-sluagh ann am faotainn ceartais a thaobh an fhearainn anns an Eilean Sgiathanach ’s an cearnan eile de ’n Ghàidhealtachd. Tha ar stor ro-bheag airson na th’ againn de dh’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula a shealltainn gu ceart. Gluaisidh sinn do ’n stor mhor a th’ ann an TOGALACH MHIC GUAIRE air a cheud latha de Nobhember. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 65] [Vol. 11. No. 9. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 31, 1902. No. 9. Na Staidean is Newfoundland. BHA na Stàidean is Newfoundland o chionn àireamh mhios a’ feuchainn ri coimhcheangal a dheanamh leis am biodh malairt eadar an da dhùthaich air a deanamh ni ’s saoire na tha i. A réir a’ choimhcheangail so bhiodh iasg dhe gach seòrsa ’thigeadh á Newfoundland air a leigeadh a stigh do na Stàidean gun chìs, no air cìs bhig, agus bha an ni ceudna ri dheanamh ri seòrsachan àraidh de bhathar a thigeadh as na Stàidean do Newfoundland. Air an t-seachduin so bhatar ag aithris gu robh glaodh cruaidh air a thogail an aghaidh a choimhcheangail ann an stàid Mhassachusetts, agus eagal orra gu ’n cuireadh e call air muinntir Ghloucester, baile-puirt aig am bheil càbhlach-iasgaich mhor a mach na h-uile bliadhna. A réir sgeòil bha glaodh a bhaile sin a’ bagairt cunnairt do ’n choimhcheangal, ach a réir briathran Priomhair Newfoundland, Mr. Bond, cha’n eil cùram dha. Bhiodh tomhas de shaor mhalairt ris na Stàidean na ’bhuannachd mhor do Newfoundland, agus bu mhath an gnothuch na ’m faigheadh i e. Cor an t-Saighdeir Bhreatunnaich. THA cor an t-saighdeir Bhreatunnaich anns na bliadhnaichean so a’ tarruing aire nan daoine a’s tuigsiche ’s a’s beachdaile tha ’san Impireachd. Cha’n eil a shuidheachadh idir cho math ’s bu chòir. ’Sa cheud àite tha a thuarasdal ro-bheag. Cha’n ’eil fear ceairde eile fo riaghladh a dhùthcha aig am bheil cho beag an ceann na bliadhna air-son a chosnaidh. ’San dara àite, cha ’n ’eil e faotainn cothrom ceart air a thapadh a nochdadh, ’s air eirigh gu dreuchd àrd-oifigeach. Tha air a theagasg dha o’n cheud latha ghabhas e ’san arm a thoil is inntinn a chur gu buileach an laimh an oifigich a tha ’toirt an orduigh dha, agus dh’ aindeoin cho dìleas ’s cho dleasdanach ’s gu ’m bi e, cha ’n fhaigh e streap ni ’s àirde na dreuchd sàirdsein, mur bi e-féin no aon de ’chairdean comasach air àite cheannach. Cha robh Sir Eachann Domhnullach air dìreadh cho àrd ’san fhàradh ’s a rinn e mur b’e gu ’n d’ rinn e euchd anns na h-Innsean a choisinn dha a roghainn de dha dhuais—Crois Bhictoria no àrdachadh oifig, agus mar dhuine glic roghnaich e an t-àrdachadh. Anns an treas àite, tha na saighdearan, fhad ’s a tha iad an ceangal ris an arm, air an cuartachadh le buairidhean lionmhor, anns am bheil moran dhiubh a’ tuiteam ’s mar sin a’ call an cliù ’s an comais air adhartas ceart a dheanamh. Air cheann nam buairidhean sin, tha aon a tha air a cheadachadh agus eadhon air a chuideachadh leis an riaghladh—an t-òl. Aig gach àite ’sam bheil gearasdan no ’sam bheil réisimeid air a suidheachadh, tha tigh-òil air a chur suas, far am feum gach aon de na saighdearan a thùrn fein a ghabhail a’ creic dibhe ri ’chompanaich. Tha dha de na bacaidhean so an deigh tomhas de dh’ aire ’n riaghlaidh fhaotainn o’n thòisich an cogadh ris na Boerich, agus gheibh iad tuilleadh an ùine ghearr. Cha ’n ’eil e ri ’chur an teagamh nach bi àrdachadh tuarasdail air a thoirt do ’n t-saighdear mu ’n teid moran bhliadhnaichean eile seachad. Cha bhi na Breatunnaich toileach luchd-dion an dùthcha ’s luchd-seasamh an còirichean fhàgail gun chomas air beagan a chur seachad air choinneamh an latha fhlich, coltach ri muinntir eile. Is fearr gu mor tuarasdal ceart a thoirt dha na bhi ga ’chumail an tigh nam bochd na ’sheann aois. A thaobh cothrom eirigh as na sreathan, mar a theirear, bidh barrachd dhe sin air a thoirt dha cuideachd. Nochd an cogadh ris na Boerich nach b’e ’n duine bha ga ’chur fein gu h-iomlan an eisimeil an oifigich an saighdear a b’ fhearr idir, ach am fear a bha comasach an àm na h-eiginn air comhairle ghabhail as a cheann fein. Bidh ionnsachadh airm an deigh so air atharrachadh air chor ’s nach bi an saighdear na ’inneil fo laimh an oifigich cho mor ’s a tha e. Rinn cogadh nam Boerach mar an ceudna soilleir gu’n cuir oifigeach feum air iomadh buaidh a bharrachd air athair no bràthair a cheannacheas oifig dha ’s a chumas airgid ris mar a chosgas e. Gu ’m feum am fior oifigeach mar am fior shaighdeir, a bhi curanta, treun, ’s a dhol “gu h-aobhach suilbhear an dàil gach tuiteamais a thig na ’chrannchur.” Bha na saighdearan cumanta na’n daoine treuna agus toileach, ach bha iad iomadh uair air an cur an cunnartan gàbhaidh ’s air an treòrachadh gu ’n casgairt fein le tur-aineolas nan oifigeach. Cha’n urrainnear an t-arm fhàgail mar sin air choinneamh cogaidh eile. Feumar oifigich mhatha chur air cheann nan saighdearan, agus cha ’n fhaighear oifigich a’s fhearr na iadsan a dhìreas le ’n dichioll ’s le ’n tàlantan fein as na sreathan. A thaobh an treas bacaidh a tha fa chomhair an t-saighdeir, tha Morair Roberts aig an àm so a’ feuchainn ri chur as an rathad. Mar is fios dhuinn uile, bha Roberts air cheann shaighdearan a’ mhor chuid dhe ’bheatha, agus is aithne dha ciod a tha ga ’n cumail fodha cho math ri duine tha beò. Agus nuair tha esan a’ tòiseachadh ri buaireadh an òil a chur as an rathad orra, faodar a chreidsinn gur e ’n t-òl, na bharail-san, an aon nàmhaid a’s motha tha ’g obrachadh an aghaidh luchd-dion na h-Impireachd. Tha e air riaghailtean ùra dheanamh leis am bi e air a dheanamh na ’s comasaiche do na saighdearan an t-òl a sheachnadh, leis nach bi e air a cheadachadh aon sam bith dhiubh a chur air chùl cùnntair a chreic dibhe-làidir ri ’chompanaich, agus leis am bi gach oidhirp dhligheach eile air a toirt air an tionndadh air falbh o nithean a tha cronail dhaibh, agus a dh’ ionnsuidh nithean feumail. Guidhidh gach Breatunnach aig am bheil math a dhùthcha na bheachd mile beannachd air Morair Roberts agus soirbheachadh leis anns an deagh obair so. Nuair a chriochnaicheas e a chath ’s a réis air an t-saoghal so, ’s a chuirear a chorp fo ’n fhòd, theid iomadh carragh is càrn-cuimhne chur suas mar urram dha, ach saoilidh sinn nach b’ urrainn dha cuimhneachan a b’ fhearr iarraidh no fhaotainn na e bhi air a radh gu’n do shaor e saighdearan a dhùthcha o chuing na deoch làidir, ’s gu’n d’ rinn e comasach do dhuine bhi ’n ceangal ris an arm gun a bhi air a bhuaireadh gach latha gu bhi ’g imeachd air slighe ’n drongair. Facal Mu Tharte. CHA bhiodh e iomchuidh ’san dol seachad gun iomradh a thoirt air a char mu dheireadh a chaidh a chur an cùisean-riaghlaidh na dùthcha. Cha mhor an earann dhe ’n t-sluagh aig nach eil, anns na làithean so, a’ bheag no mhor ri ràdh mu ’n Onorach Iacob Israel Tarte. Nuair chaidh Tarte an toiseach do ’n phàrlamaid, bu Chonservative e, agus bha e dhe ’n aidmheil sin gus o chionn dheich bliadhna, nuair chuir e cùl ri ’sheann chàirdean, an deigh gnothuichean a chur gu math troimhe chéil’ orra. Uaithe sin bu Liberal e, agus nuair fhuair Laurier air cheann an riaghlaidh an 1896, ghabh e Tarte mar aon de ’n chomhairle. Bha Tarte riamh na dhuine spreigeil, spraiceil, luath-bheulach, agus bha e gabhail uiread gnothuich ri cùisean an riaghlaidh ’s gu robh e air fàs na ràdh cumanta gu ’m b’ esan a b’ fhior mhaighstir agus nach b’e Laurier. Cha ’n eil fhios nach robh e féin dhe ’n bharail sin cuideachd, ach ma bha, dh’ fhàs e tuilleadh is dàna ga ’chur an géill. Am feadh a bha Sir Wilfrid thar cuain, ghabh Tarte an cothrom, ’s thòisich e ri teagasg ’s gach àite ’n labhradh e, gu ’m bu chòir cìsean na cuspann àrdachadh an àite ìsleachadh mar bha ’n riaghladh fo ghealltanas a dheanamh. Cha robh iomradh air so air taobh seach taobh mu ’n d’ fhalbh Laurier, ach bha esan a’ cur an ìre gu robh am Priomhair dhe ’n aon bheachd ris féin. Bha Ministeirean eile ag àicheadh sin, ach cha robh na ’n comas a bhacadh. Cò-luath ’s a thill Laurier ’s a rainig e Ottawa, sgriobh e litir, ga ’chronachadh air-son a mhi-dhìlseachd nuair nach robh esan an làthair, ’s a’ toirt àithne dha a dhreuchd mar bhall de ’n Chomhairle a leigeadh dheth. So b’ fheudar do Tharte a dheanamh, agus an diugh cha ’n eil e air a mheas eadhon mar fhear-leanmhuinn aig an Riaghladh. Cha ’n eil fhios gu ceart fhathast ciod a dh’ fhaodas tachairt ri linn an diùlnaich so a chur á dreuchd—co-dhiù neartaicheas no lagaicheas e taobh an riaghladh. Theagamh gu ’n toir e àireamh de luchd-leanmhuinn bho Laurier am measg nam Frangach ann an Cuebec; air sin cha ’n eil comas-breithneachaidh aca-san a tha ’n taobh a mach de chriochan na roinne sin féin. Ach faodaidh e bhith gu ’n neartaichear taobh an riaghlaidh ann an Ontario ’s anns na roinnean iochdrach le Tarte a bhi ga ’n dìth. Anns na roinnean sin bha e gun teagamh sam bith na uallach trom orra fhad ’s a bha e ’n dreuchd, agus ma chreidear sgeul a’ Ghlobe, chaill iad an Ontario barrachd is aon àite-suidhe ’sa phàrlamaid air a thàille aig taghadh na bliadhna 1900. [TD 66] [Vol. 11. No. 9. p. 2] Tha e iongantach cho luath ’s a dh’ atharraicheas paipeirean nam pàirtidhean am barail air fear-stàite a chuireas car dheth. Gheibhear paipearan a bha mu ’n àm so air air a bhòn-uiridh glé chàirdeil ri Tarte, an diugh ga ’chàineadh, no cho faisg air ’s is dàna leotha an deigh bhi ga ’mholadh. Gheibhear air an taobh eile paipeirean a bha ’cur sios air mar gu ’m b’e ceann-feadhna nam peacach, an diugh ’s an cridheachan air blàthachadh ris as ùr, ’s iad a réir coltais a’ deanamh deas gu ghabhail air ais do ’n chrò a dh’ fhàg e. Mathar is diochuimhnichear gach buaireas a rinn e ’sa chrò sin mu ’n d’ fhalbh e as, an dòchas gu ’n dean a thilleadh barrachd feuma dhaibh ’sa rinn ’fhalbh de chron. Ciod is Aobhar Dha? Faodar gu h-iomchuidh fheòrach ciod is aobhar do mar tha cùisean anns na Roinnean Iochdrach aig an àm so—an aireamh mhor chiontach a tha fo bhinn bàis no a’ feitheamh cùrtach. Ann an St. John tha gill’ og fo bhinn bàis. Ann a Halifacs tha leth sheann duine fo ’n bhinn cheudna. Ann am Bathurst, ann a’ Windsor, ’s ann an Sidni; anns gach àite dhiu sin tha duine ’sa phriosan a’ feitheamh ri bhi air fheuchainn air-son mort. Ann an Sidni, chaidh duine chur do’n tigh obrach airson marbhadh companaich, agus tha duin’ eile ga ’fheuchainn air-son gniomh nach ’eil na’s fhearr, ach ni’s miosa, na mort. Ciod is aobhar dha so uile? Cha ’n ’eil teagamh nach bi bristeadh-lagha is ciontan air an cur an gniomh anns an h-àiteachan a’s fhearr, ach bidh iad ro lionmhor anns na h-àiteachan sin ’sam bithear gu cumanta deanamh dimeas air lagh. Agus thatar a’ deanamh dimeas mor air lagh anns na criochan so. Tha laghannan is reachdan is riaghailtean againn nach ’eil air an cumail ach leothasan a thogras an cumail. An lagh nach còrd riut, faodaidh tu a bhristeadh ’s comhairleachadh do mhuinntir eile bhristeadh, agus cha’n abair maor no bàillidh riut gur h-olc. Cha bhi dimeas-lagha mar so gun a thoradh, agus tha sinn an so a’ tòiseachadh ri ’bhuain. Cha ’n eil ach ceum goirid eadar bristeadh an lagh bhig agus bristeadh an lagh mhoir. Cha bhi na ciontan mora cho lionmhor na ’r measg nuair bhios na ciontan beaga air am peanasachadh, ’s nuair bhios am peanas cinnteach. Naigheachdan. AN T-URR D. M. GILLIOS.—Tha an t-Urr. Domhnull M. Gillios, a bha air chuairt ghoirid an Ceap Breatunn ’san t-samhradh, an deigh gairm a ghabhail do Westville, N. S., ’s tha e nis air a shuidheachadh ann. Bha parraist aige roimhe so an California. O chionn cheithir-la-deug, air dha bhi aig a dhachaidh an Orangedale, thug àireamh de mhuinntir Hogamah dha sporan làn airgeid mar theisteas air meas is deagh-ghean a chàirdean ’s a sheann luchd-eòlais. MARCONI AIR TIGHINN—Thàinig Marconi air tìr an Glace Bay ’sa mhadainn an diugh, agus an deigh uair no dha a chur seachad ann ag amharc air na tùir thainig e timchioll gu Sidni. Tha e air soitheach-cogaidh bheag a chuir rìgh na h-Eadallte nall leis. Aig àm sgriobhaidh cha ’n eil e air innse dé ’n soirbheachadh a bha leis, ach tha làn dhùil aig daoine gu ’m bithear an ceann bheagan làithean a’ cur fhiosan air ais ’s air adhart thar cuain. DEIRC DO NA BOERICH.—Tha àireamh de na Seanalairean Boerach a’ siubhal na h-Eorpa ag iarraidh cuideachaidh do’n co-luchd-dùthcha a bha air an toirt gu bochdainn leis a chogadh. Thionail iad air tir-mor na h-Eorpa dlùth air ceithir ceud mile dolair. Na’n robh iad air bhi glic gheibheadh iad barrachd mor is sin ann am Breatuinn, ach bha iad a labhairt mu’n dùthaich sin air dhòigh ’s nach leig iad a leas tigh’nn thar a chaoil idir. Gheibh na Boerich anns a’ Fhraing ’s anns a’ Ghearmailt sluagh gu leòr a bhruidhneas gu blàth air an taobh, ach cha bhi ann ach an gog mor ’s an t-ugh beag. Cha ’n eil sluagh ann a’s fialaidhe ris an fheumach na na Breatunnaich, ach cha toigh leotha bhi ga ’n càineadh. RI BHI AIR A CHROCHADH—Bha Seoras Cooke, am fear a mhort a bhean ann a Halifacs deireadh an t-samhraidh, air fheuchainn o chionn ghoirid ’s air fhaotainn ciontach. Thugadh a mach binn a bhàis, agus bidh e air a chrochadh air an 13mh latha de Ianuaraidh. TRIOBLAID AN EIRINN.—Tha trioblaid nach beag a’ dùsgadh an Eirinn aig an àm so, an seann seann sgeul, an tuath an aghaidh nan uachdaran. Tha ceud mile dolair ri bhi air a chur a null as na Stàidean le Eirionnaich aig am bheil toil an aimhreit a chumail suas ’san t-seann dùthaich. Tha an aimhreit so gle phrobhaideach do chuid, ach gle chosdail do ’n t-sluagh. SGIORRADH AIR AN RATHAD-IARUINN—Di-màirt s’a chaidh bhuail da threin na ’chéile faisg air Hawkesbury, agus bha na h-innealan air am bristeadh gu dona. Bha aon duine air a leònadh, Uilleam Keith, a bha na fhear-inneil air an trein a bha cur a h-aghaidh air Sidni. Bha a leòn cho dona ’s gu ’n do chaochail e oidhche Dior-daoin. Bha e ceithir bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois, agus bha sianar chloinne aige. Bhuineadh e do New Campbellton, agus chaidh a chorp a thoirt dhachaidh an sin gu bhi air a thiodhlacadh. TEAGHLACH AIR DHROCH CARAMH—Chaidh duine d’ am b’ ainm Marr a chur do ’n phriosan air an t-seachduin s’a chaidh, ’s e ri fuireach ann gu ceann thri miosan, air-son nach robh e cumail suas a theaghlaich. Thug a bhean fianuis na ’aghaidh nach d’ thug e dhi fad ràidhe air-son i-féin ’s a ceathrar chloinne a chumail beo, ach coig dolair. Chuireadh á ceithir taighean iad ’san ùine sin, agus reiceadh am beagan innsridh a bh’ aca air-son am màl a phàigheadh. Tha Marr na dheagh fhear-ceairde, ach tha e ’g òl na tha e ’cosnadh. PAIPEIREAN IAPAN—Mar chomharradh air an t-soirbheachadh a tha ’tigh’nn air a’ chreideamh Chriosduidh ann an Iapan, thatar ag innse gu ’m buin tri dhe na paipeirean làitheil a thatar a’ cur a mach ann an Tokio do Chriosduidhean. Tha sinn an dòchas gu ’m faicear blàth sin air na paipeirean. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil a mhor chuid de phaipeirean na dùthcha so air an sealbhachadh le Criosduidhean, ach ’s fhada ghabh e bho na paipeirean a bhi Criosdail. Cha ’n aithnichte nach b’ iad na dubh-phàganaich a bhiodh ga ’n cur a mach. RATHAD-IARUINN SRAIDE—Tha an rathad so o chionn seachduin air obair, aon chàr ’sa cheann so dhe ’n bhaile, ’s aon timchioll Whitney Avenue. Cha ’n eil na rails air an leagail tarsuinn an rathad-iaruinn fhathast, agus tha sin a’ cur maille mhor air luchd-siubhail. Cha ’n eil an rathad fhathast criochnaichte, ach nuair bhitheas, bidh e na ghoireas mor do mhuinntir a’ bhaile. Tha càr a ruith a mach as a bhaile cho fada ri mèinn an Reserve, ach cha ’n eil cead aca ruith a stigh do Ghlace Bay, ’s cha bhi gus an tig a’ chuideachd ’s comhairle ’bhaile sin gu còrdadh, ni nach ’eil, a reir coltais, ro-fhurasda dhaibh a dheanamh. LUIBHRE AM MARGAREE—Thatar ag ràdh gu bheil duine ann am Margaree air am bheil an luibhre. Bha àireamh chàsan de ’n euslaint sin ann an ceann tuath siorrachd Inbhirnis bliadhnaichean air ais, agus thugadh air falbh do Thracadie, N. B., iad, far am bheil tigh-eiridinn lobhar. Cùnntas bhliadhnaichean air ais, phòs an duine air am bheilear ag iomradh nighean fir a chaochail leis an luibhre, agus a nis tha an euslaint air bristeadh a mach air féin. Tha ceathrar chloinne aige, agus tha iadsan ’s am màthair gu ruige so slàn gu leòr. Tha lighiche á Tracadie a’ tighinn a dh’ fhiosrachadh na cùise, ’s a thoirt an duine air falbh ma tha an sgeul fìor. LEABHRAGAIN CHARNEGIE.—Tha coig mile deug dolair an tairgse Shidni o chionn faisg air da bhliadhna air-son leabhragan a thogail. Tha ’n t-airgead so air a thairgse le Andra Carnegie, a tha toirt ghibhtean air-son an aobhair cheudna do gach baile dh’ iarras e, an t-suim beag no mor a reir meud a’ bhaile. Gu ruige so dh’ fhairtlich air comhairle a’ bhaile còrdadh mu ’n làraich ’san teid an togalach a chur. Tha an ni ceudna tachairt ann a Halifacs; agus ann am Montreal tha ’n da shluagh—na Frangaich ’s na Breatunnaich—cho fad o cheile na ’m barail ’s nach eil e coltach gu’n aontaich iad gibht Charnegie a ghabhail idir. LITIR A LAG AN T-SLOCAIN. MO bheannachd aig Mac Uisdean! ’S fhad o ’n da latha sin! Ma chòrd na puirt cho math ri ’ur cuid leughadairean air fad ’s a chòrd iad rium fhìn, gu dearbh chòrd iad gu math riutha. A dh’ innseadh na firinn, ged is e an fhior éiginn a bheir orm gluasad an déigh dorchnachadh na h-oidhche, theab mi a dhol gu dannsadh a bh’ anns an nàbachd an oidhche a ràinig MAC-TALLA. ’S iomadh port is òran gasda a chuala mise o dh’ fhosgail mi mo shùilean ann an tìr nam beò. Tha cuid de dhaoine a cumail a mach nach ’eil feum anns na puirt, agus nach bu chòir an cumail air chuimhne idir. Ma tha, biodh aca; tha mise de dh’ atharrachadh barail. ’S ann orm a bha phrois an lath’ a rinn Donnachadh ruadh am port so:— “An dubh mu ’n gheal ’s an glas a rithist, An dubh mu ’n gheal ’s an glas a rithist, C’àite ’n cualas riamh an Uidhist Suidheachadh bu bhoidhche. An dubh mu ’n gheal ’s an glas a rithist, An tartan a bh’ aig bean Iain Hidheal, C’àite ’n cualas riamh an Uidhist Suidheachadh bu bhoidhche,— O ’n chualas tartan Peigidh Phabach ’Bh’ ann an Lag an t-Slòcain. An dubh mu ’n gheal ’s an glas a rithist.” Bha ’m port so gu math fada nuair a chuir Donnachadh còir ri chéil’ e, ach tha mi air a dhi-chuimhneachadh. ’S iomadh port is òran éibhinn a rinn e, agus tha feadhainn dhiubh fior mhath. Ma dh’ fhaoidteadh gu ’n cuir mi fear no dha dhiubh fhathast gu MAC-TALLA. Chuala mi òran, aig bana-charaid a tha gle mheasail agam, a rinn Donnachadh ruadh do chaora, agus an ath uair a chì mi i feumaidh mi an t-òran fhaighinn uaipe. Tha cuimhn’ agam air pios fhaicinn ’sa MHAC-TALLA an uiridh a’ feòrach mu òran a rinneadh le Seumas Mac Isaic do ’n chogadh Ruiseanach. Chuir an neach a bha ’g iarraidh an òrain rann no dha sios dheth. ’S e òran math a th’ ann a tha airidh air a chumail air chuimhne. B’ fhior thoigh leam fhéin, agus le iomadh neach, tha mi cinnteach, a bharrachd orm, an t-òran fhaicinn na d’ phaipear. Feumaidh gu bheil e aig leughadair air choireiginn. Bha eachdraidh ghoirid anns a MHAC-TALLA a chuireadh a mach aig toiseach a mhios so a chuir ioghnadh gun chiall orm. Tha an neach a sgriobh an t-eachdraidh ag ràdh gu bheil naodh air fhichead ministeir a’ searmonachadh Gàilig ann an Ceap Breatunn; agus gur luchd Gàilig a h-aon deug air fhichead dhe na sagairt. Tha gu leor de luchd na Gàilig ann an Ceap Breatunn fhéin, air a chuid is lugha, na chumadh pàipear mor làitheil a cheithir uiread ri MAC-TALLA suas. Mo nàire! mo nàire! C’àit’ am bheil duinealas nan Gàidheal, nuair a tha iad cho caoin-shuarach mu ’n Ghàilig? Theagamh gu ’n abair cuideiginn gu bheil cailleach Lag an t-Slòcain air fàs tuilleadh is cabairneach co dhiubh. Tha an seanfhacal “Cho sgìth ’sa bha ’n gobha da sheanamhair nuair a thiodhlaic e seachd uairean i,” gu math cumanta am measg nan Gàidheal, agus tha mi ’creidsinn gu bheil iomadh Gàidheal is bana-Ghàidheal nach cuala ciamar a thòisich am facal a tha aca cho tric. A réir ’s mar a chuala mise, bha gobha ann an cearn’ àraidh de ’n Ghàidhealtachd a bha gle aotrom, gòrach, is bha a sheanamhair a fuireach còmhla ris. Mu dheireadh dh’ eug a sheanamhair, agus nuair a thiodhlaiceadh i, thòisich droch ghillean an àite ri togail a cuirp ’s ga ’fhàgail aig dorus a ghobha. Dh’ fhàs an gobha gu math sgìth dhe ’n obair a bh’ aca, mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh. Bha [TD 67] [Vol. 11. No. 9. p. 3] iad a smaoineachadh gu’n còrdadh e gle mhath ris a ghobha a bhi fàgail a sheanamhair aig a dhorus. Cha chuala mi gu robh cron sam bith na ’sheanamhair. Sid mar a chuala mise mar a dh’ éirich am facal, “Cho sgìth ’sa bha an gobha da sheanamhair nuair a thiodhlaic e seachd uairean i.” Tha na h-electric cars a nis a ruith seachad air an Lag. ’S iad a chuir an t-ioghnadh orm a cheud uair a chunnaic mi iad. Ach tha daoine a nis a fàs cleachdte riutha. Cha ’n ’eil iad idir na ’n ioghnadh cho mor ’sa bha an t-each-iarainn nuair a thòisich e air ruith. Cha chuala mi gu ’n do chuir iad a leithid de dh’ uamhas air daoine ’sa chuir an t-each-iaruinn air an duine chòir so. Bha e-fhein is fear eile air tighinn do ’n bhaile dìreach nuair a dh’ fhosgladh slighe an rathad-iarainn. Cha chreid mi-fhìn gu ’n cual’ e iomradh air a leithid a bhi idir ann. Co dhiubh nuair a chunnaic esan an t-each-iarainn a ruith seachad cho luath ris a ghaoith, ’s na bha de chars a slaodadh rithe, dh’ eubh e a mach: “A Mhoire! ’Mhoire! seall tòrradh an deamhain!” Ach tha eagal orm gu bheil am fear sin gu math beòthail, neo cha bhiodh na cars so a ruith air latha na Sàbaid. Tha an t-àm agad stad. A’ guidhe soirbheachadh math le MAC-TALLA. Is mi bhur bana-charaid, PEIGIDH PHABACH. Lag an t-Slòcain. SGEULACDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. X. CHA bu luaithe ’chuir am fathach an leaba ’na h-aite fhein anns an luchairt na thainig an righ a steach do’n t-seomar a dh’ fheorach cia mar a chuir a nighean seachad an oidhche, agus a chuir failte na maidne oirre. Bha mac an ard-chomhairlich, agus e air a mheileachadh leis an fhuachd an deigh a bhith ’na sheasamh as a leinidh fad na h-oidhche, anns an leabaidh, agus e fhathast gun bhlaths a ghabhail. Cha bu luaithe chual’ e bhith ’fosgladh an doruis na leum e as an leabaidh agus ruith e do sheomar eile a chuir uime an aodaich a chur e dheth an oidhche roimhe sid. An uair a rainig an righ taobh na leapadh, phog e a nighean eadar an da shuil, a reir cleachdaidh, agus ghuidh e madainn mhath dhi. Agus le fiamh gaire air a ghnuis, dh’ fheoraich e dhith cia mar a chuir i seachad an oidhche. An uair a sheall e na bu dluith’ oirre, bha ioghnadh mor air gun robh coltas cho mhi-thoilicht’ oirre. Sheall i air le aghaidh bhronaich, agus dh’ aithnich e gu ’n robh i fo thrioblaid inntinn. Labhair e beagan fhacal rithe; ach cha d’ thug i freagairt sam bith air. Bhuail e anns a cheann aige gu’n do thachair ni eiginn neo-chumanta dhi, agus anns a’ mhionaid chaidh e do sheomar na banrigh, agus dh’ innis e dhi mar a bha. “Mo thighearna,” ars’ a’ bhanrigh, “theid mise far am bheil i gun dail, agus bidh fhios agam ciod a tha ’cur dragh oirre. Is ann dhomhsa is fhearr leatha a h-inntinn a leigeadh ris.” Cho luath ’s a chuir a’ bhanrigh uimpe, chaidh i do ’n t-seomar anns an robh a h-ighean, agus bha i gun charachadh as an leabaidh. Chuir i failte na maidne oirre, agus phog i i. Ach bha ioghnadh anabarrach mor oirre an uair nach d’ thug a h-ighean freagradh oirre. Agus an uair a sheall i na bu dluithe oirre, thug i an aire gu ’n robh i dubhach, trom-inntinneach. Agus thug so oirre smaointean gu’n do thachair ni eiginn neo-chumanta dhi re na h-oidhche. “C’ar son, a leinibh, nach ’eil thu ’g am fhreagairt,” ars’ ise; “cha bu choir dhut a bhith mar so ri do mhathair idir. Feumaidh gu ’n do thachair ni eigin neo-ghnathach dhut. Innis dhomhsa gu saor ciod a thachair, agus na cum an cleith orm e na ’s fhaide.” Mu dheireadh labhair nighean an righ, agus thuirt i ri mathair, “Ochan! a mhathair ghaoil, tha mi ’g iarraidh mathanais ma thug mi eas-urram sam bith dhuibh. Tha m’ inntinn cho lan leis na nithean iongantach a thachair dhomh an raoir ’s nach d’ fhuair mi fhathast os cionn an uamhais agus an eagail a ghabh mi. Is gann a tha mo chiall fhin agam.” An sin dh’ innis i dh’ a mathair mar a thugadh an leaba air falbh do sheomar dorcha, salach mu ’n gann a chaidh i fhein agus fear na bainnse a laidhe, mar a ghrad thugadh air falbh e, mar a bha i air a fagail ’na h-onar anns an t-seomar maille ri duin’ og a labhair beagan fhacal rithe air nach robh cuimhn’ aice, agus a laidh anns an t-seomar gun dragh sam bith a chur oirre; agus mar a thugadh fear na bainnse do’n t-seomar anns a mhaduinn, agus a thugadh an leaba ’s iad fhein le ’cheile air ais do’n luchairt ann an tiotadh. “Bha so direach air tachairt,” ars’ ise, “an uair a thainig m’ athair a steach do’n t-seomar. Bha mi air mo lionadh cho mor le bron anns an am ’s nach robh e ’n comas dhomh freagairt a thoirt do aon cheisd a chuir e orm; air an aobhar sin, tha eagal orm gu’m bheil e diumbach dhiom a chionn nach do fhreagair mi e. Ach tha dochas agam gu’n toir e mathanas dhomh an uair a chluinneas e mar a dh’ eirich dhomh, agus a thuigeas e gu’m bheil mi ann an droch staid.” Dh’ eisd a’ bhanrigh gu foighidneach ris na dh’ innis a h-ighean dhi, ach cha chreideadh i gu ’n robh e fior. “Is math a rinn thu, ’leinibh,” ars’ ise, “an uair a chum thu so an cleith air d’ athair. Thoir do cheart aire nach toir thu guth air ri neach sam bith, ar neo ma bheir, saoilidh iad gu ’m bheil thu air a dhol as do chiall.” “A bhaintighearna,” ars’ ise ri ’mathair, “tha mise ’g innseadh dhuibh le firinn gu ’m bheil mo thur ’s mo chiall agam. Feoraichibh dhe m’ fhear-phosda, agus innseadh e dhuibh gur i ’n fhirinn a th’ agam.” “Ni mi sin,” ars a mathair, “ach ma dh’innseas e dhomh an sgeul a dh’ innis thusa dhomh, cha chreid mi e. So, so; eirich, agus na bi ’g arach a leithid sin de smaointean amaideach na’s fhaide. Nach ciatach an gnothach, ma bhios na tha de ghreadhnachas agus de dh’ aidhear an diugh anns an rioghachd air an cur nan tamh le naigheachd de’n t-seorsa sin. Nach ’eil thu ’cluinntinn fuaim nan trumpaidean, nan drumachan, agus na coisir-chiuil? An urrainn na nithean so idir do dheanamh aoibhneach agus sona, agus toirt ort an neonachas a tha ’na d’ cheann a leigeadh as?” Aig a’ cheart am ghairm a bhanrigh air na mnathan-coimhideachd, agus thug i orra a nighean a chur ’na h-eideadh. An sin chaidh i do sheomar an righ, agus dh’ innis i dha gu’n robh smaointeanan gle neonach air bualadh ann an ceann a h-ighinn, ach nach robh seadh sam bith annta. An sin chuir i fios air mac an ard-chomhairlich feuch am faigheadh i am mach tuilleadh mu dheidhinn na dh’ innis a h-ighean dhi. Ach o ’n a bha e ’g a mheas ’na urram mhor a bhith posda ri nighean an righ, chuir e roimhe gu’n cumadh e an gnothach ann an cleith. “A mhic,” ars’ ise, “am bheil thu ’creidsinn an naigheachd a dh’ innis do bhean dhomh mu dheidhinn gnothach iongantach na h-oidhch’ an raoir?” “A bhaintighearna,” ars’ esan, “am faod mi bhith cho dana ’s gu’m feoraich mi, c’ar son a tha sibh a’ cur na ceisde sin orm?” “Oh! tha sin gu leor,” ars’ ise; “cha’n fhaighneachd mi an corr dhiot. Tha mi faicinn gu ’m bheil thu na ’s glice na ise.” Bha ’n greadhnachas a’ dol air aghart fad an latha anns an luchairt, agus bha bhanrigh a deanamh na b’ urrainn i a chum toileachadh a thoirt d’a h-ighinn; ach bha na thachair an oidhche roimhe sid an deigh greim cho mor fhaotainn air an inntinn aice ’s nach cuireadh rud sam bith as a cuimhn’ e. Cha b’ e mac an ard-chomhairlich dad bu lugha dragh inntinn, ach chaidh aige air staid ’inntinn a chumail am falach air a leithid de dhoigh ’s gu ’n robh na h-uile ’smaointean gu’n robh e aoibhneach gu leor. Bha fhios aig Aladin gu’n robh a’ charaid og gu laidhe comhladh an oidhch’ ud a rithist, ged a chaidh iad troimh dhragh ’s troimh thrioblaid gu leor an oidhche roimhe sid. Agus air an aobhar sin, o’n bha toil aige an tuilleadh dragh a chur orra, thug e lamh air a’ chruisgean. Agus an uair a thainig am fathach, agus a thairg e seirbhis a dheanamh dha, thuirt e ris: “Tha mac an ard-chomhairlich agus nighean an righ gu laidhe comhladh a’ nochd a rithist. Bi falbh, agus cho luath ’s a theid iad a laidhe, dean mar a rinn thu ’n raoir.” Thug am fathach umhlachd do ’n aithne ’thug Aladin dha a’ cheart cho math ’s a rinn e an oidhche roimhe sid. Bha mac an ard-chomhairlich ann an aite cho fuar ris an aite ’s an robh e an oidhche roimhe sid; agus bha nighean an righ anns an t-seomar comhladh ri Aladin, agus an claidheamh ruisgte ri ’taobh. Thainig am fathach anns a mhadainn mar a dh’ ordaich Aladin dha, agus an uair a chuir e fear na bainnse anns an leabaidh, thog e leis iad fhein ’s an leaba, agus dh’ fhag e iad ann an luchairt an righ. Bha toil aig an righ fios fhaotainn air mar a chuir a nighean seach an oidhche, agus ann an glasadh an latha chaidh e do ’n t-seomar, agus e ’smaointean gu’m biodh i na bu toilichte na bha i ’mhadainn roimhe sid. An uair a chuala mac an ard-chomhairlich a bhith ’fosgladh doruis an t-seomair, thug e cruinn-leum as an leabaidh, agus chaidh e do sheomair eile gus a chuid aodaich a chur uime. Chaidh an righ thun na leapadh far an robh a nighean na laidhe, agus thuirt e: “A nighean, am bheil saod na ’s fhearr ort an diugh na bh’ ort an de?” Ach cha do fhreagair i idir e; agus dh’ aithnich e air a h-aghaidh gu ’n robh i fo bhron, agus gu ’n do thachair ni eiginn anabarrach neo-chumanta dhi. Ach o nach robh i g’ a fhreagairt, bha e air a bhrosnachadh cho mor le feirg ’s gu’n d’ thug e lamh air a chlaidheamh, agus thuirt e; “A nighean, innis dhomhsa ciod a tha cur dragh ort, ar neo cuiridh mi dhiot an ceann anns a’ mhionaid.” Bha nighean an righ air a clisgeadh an uair a chunnaic i a h-athair ann an corruich cho mor, agus an claidheamh ruisgte ’na laimh, agus thuirt i ’s i ’sileadh nan deur, “M’ athair ionmhuinn agus mo righ, tha mi ’g iarraidh mathanais ma thug mi oilbheum dhuibh ann an doigh sam bith, agus tha mi ’n dochas gu ’m bi sibh cho math ’s gu ’n gabh sibh truas dhiom, an uair a dh’ innseas mi dhuibh mu ’n t-suidheachadh thruagh anns an robh mi o chionn da oidhche.” An uair a chual’ a h-athair na briathran so, dh’ fhas e siobhalta, agus an sin d’ innis i dha a h-uile car mar a thachair. Agus chuir na dh’ innis i dha dragh mor air an inntinn aige. “Ma tha sibh a’ cur teagamh anns na dh’ innis mi dhuibh,” [TD 68] [Vol. 11. No. 9. p. 4] ars’ ise, “feoraichibh m’a dheidhinn de m’ fhear-posda, agus innsidh e dhuibh a’ cheart sgeul a dh’ innis mise.” Chuir na dh’ innis a nighean dha dragh mor air an inntinn aig an righ. “A nighean,” ars’ esan, “bu choir dhut a bhith air so innseadh dhomh an de, o’n a tha e ’cur uiread de dhragh ormsa ’s a tha e ort fhein. Cha b’ ann gus do dheanamh mi-shona a thug mise seachad thu ri d’ phosadh, ach a chum gu’m faigheadh tu gach sonas air am bheil thu airidh o fhear do ’n robh tlachd agad. Leig as do chuimhne gach smaointean a tha ’cur dragh ort. Bheir mise an aire mhath nach tachair a leithid sid dhut oidhche tuilleadh.” Cho luath ’s a chaidh an righ d’ a sheomar fhein, chuir e fios air an ard-chomhairleach. “Am faca tu do mhac an diugh,” ars’ esan; “agus an d’ innis e rud sam bith dhut?” “Cha d’ innis,” ars’ esan. An sin dh’ innis an righ dha a h-uile facal a thuirt a nighean ris, agus ’na dheigh sin, thuirt e: “Cha ’n ’eil teagamh agam nach d’ innis mo nighean an fhirinn dhomh; ach na dheigh sin gu leir, bu mhath leam fios fhaotainn o d’ mhac-sa mu dheidhinn na cuise. Air an aobhar sin bi falbh, agus faigh am mach uaithe cia mar a bha.” Anns a’ mhionaid chaidh an t-ard-chomhairleach far an robh a mhac, agus dh’ innis e dha mar a thuirt an righ ris, agus dh’ iarr e air an fhirinn uile innseadh dha. “Cha chum mi dad an cleith oirbh, ’athair,” ars esan, “oir tha na dh’ innis nighean an righ fior gu leor. Ach cha ’n ’eil fhios aice air dad dhe na thachair dhomhsa. Chuir mi seachad an da oidhche an deigh dhomh posadh ann an suidheachadh cho truagh ’s nach gabh e ach gann aithris, gun guth a thoirt air an eagal a bh’ orm an uair a thogadh an leaba ceithir uairean o aon aite gu àit’ eile, agus gun fhios agam cia mar a b’ urrainn a leithid tachairt. Faodaidh sibh a thuigsinn gu ’n robh mi ann staid thruaigh an uair a thainig orm an da oidhche a chur seachad ’nam sheasamh ann an aite fuar, agus gun chomas agam air gluasad no carachadh as, ged nach robh mi ’faicinn no tuigsinn ciod a bha ’g am cumail ann. Ach feumaidh mi radh nach d’ thug an droch dhiol a rinneadh orm atharrachadh sam bith air a’ ghradh, air a’ mheas, agus air an urram a bh’ agam do nighean an righ. Ach feumaidh mi aideachadh gu’m b’ fhearr leam am bas fhulang na cur na ’s fhaide suas leis na bha mi ’fulang an da oidhch’ ud, a dh’ aindeoin gach urram a th’ agam ann a bhith ann an daimh posaidh ris an righ. Cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil nighean an righ dhe ’n cheart bheachd rium fhin, agus nach ’eil i toileach sgaoileadh a chur anns a’ cheangal posaidh a tha eadrainn, agus a tha cho feumail a chum fois a thoirt dhuinn le cheile. Air an aobhar sin, ’athair, tha mi guidhe oirbh gu ’m feuch sibh ri thoirt air an righ sgaoileadh a’ chur anns a’ phosadh.” (Ri leantuinn.) Eolas nan Gaidheal air Blaithean na Machrach. EARRANN II. ACH feumaidh sinn a bhàrdachd fhàgail ged bu mhiann leam iomadh earrann chiatach eile a leughadh dhuibh. Bha ’n darach làidir, a bheithe chùbhraidh, am fraoch badanach, agus a chathair thalmhuinn gu tric am beul nam bàrd. Bho chionn tri cheud bliadhna labhair Sìleas Nic Dhòmhnuill mar so mu ’ceann-feadhna:— “Bu tu ’n t-iubhar as a choille, Bu tu ’n darach daingean, làidir, Bu tu ’n cuilionn, bu tu ’n droighionn, Bu tu ’n t-abhall molach, blàthmhor; Cha robh meur annad de ’n chritheann, Cha robh do dhlighe ri feàrna, Cha robh do chàirdeas ri leamhan; Bu tu leannan nam ban àluinn.” Rinn na thubhairt mi soilleir dhuibh an t-àite urramach a tha obair Nàduir a gabhail ann am bàrdachd nan Gàidheil. Anns na linntean bho shean bha daoine a creidsinn gu mor ann an saobh eòlas. Bha iad ’sa bheachd gu robh iomadh éifeachd anns na luibhean—gu robh iad comasach air an dion bho fheartan nam buidseach agus air an saothair a bheannachadh. Nam measg so bha achlasan Chalum Chille. Bha daoine ’ga ghiùlan nan uchd an dùil nach ruigeadh guidhe baobh orra. Tha Màrtain, a chuir cuairt air Eileanan na h-àirde ’n Iar, ag innse gu ’n robh Iain Moireastan anns na h-Earradh ag giùlan an luibhh so gach latha a chum ’s nach fhaiceadh e taibhse a bha ga ’thaghal. Chuala sibh uile— “Achlasan Chalum Chille Gun sireadh, gun iarraidh, ’S a dheoin Dia, cha bhàsaich mi nochd.” Bha an liath lus air h-uidhsneachadh airson a bhi cur dian air crodh bho bhuaidh nam ban sìth. Bhathas ga ’fhigheadh mar chrùn ’s ga ’chur mu ’n ceann. Is aithne do gach neach meuran nam ban sìth. Bha meas mor air lus chasgadh na fola. Tha fàile làidir dheth, agus gheibhear e ’san t-samhradh a fàs gu pailt. Tha a’ chathair thalmhuinn aig cuid mar ainm air. Bha na mnathan òga ga ’bhuain agus ga ’chur ann am mogan na coise deise fo ’n chluasaig an dùil gu ’m faiceadh iad an leannain as an cadal, ach na ’n abradh iad diog an déis dhaibh a bhuain cha robh buaidh ann. Tuigidh sibh an cleachdadh bho na briathran so: “Gu ’n d’ éirich mi moch ’sa mhaduinn an dé, ’S ghearr mi ’n earr-thalmhuinn do bhrigh mo sgéil, An dùil gu ’m faicinnsa rùn mo chléibh: Ochoin! gu ’m faca ’sa chùl rium féin.” Ach ged a lean cuid a bhi toirt géill do shaobh chreideamh, chuir an earrann mhor cùl ris. Thuig iad gu robh éifeachd anns na luibhean airson gach euslaint a bha buailteach do mhac an duine. Thàinig iad gu bhi creidsinn gu robh luibh a fàs airson gach eucail a leigheas, agus nach robh an luibh fad as. Bha na Gàidheil ’s a bheachd aon uair gu robh a chraoibh chaorrunn a beannachadh an taighe aig an robh i a fàs; ach dh’ fhalbh am beachd sin agus thuig iad gu robh slàint’ anns na measan. Tha an t-seann duan ag innse— “Caorrunn a bha air loch Maibh— Chi sinn an traigh gu deas, Gach ré is gach mios, Torradh abaich bha air; Seasamh bha an caorrunn sin Na b’ mhillse na a mhil a bhlàth, ’S chumadh an caorrunn dearg naoi-tràth. Bliadhna air saoghal gach fir Gun chuir e, is sgeul dearbh.” Tha sinn a faicinn anns na briathran so mar a bha ar sinnsre a tighinn beag air bheag gu bhi faicinn am feum a bha anns na luibhean a réir òrduchadh Dhé. Fa dheireadh bha eòlas mor ac’ air leigheas leò. Bha luibheann ann a b’ eòlaiche na chéile. Agus nam measg ainmichidh mi—“Barr-braonan-nan-con,” phlùr beag buidhe a tha fàs gu pailt am measg an fhraoich; “Lus nan cluas,” a bha feumail airson greim cluaise; agus lus a chaitheamh (wood-ruff). Bha am bearnan Brìde feumail airson iomadh eucail. Chuala sibh mu ’n t-slàn-lus, mu lus-nan-sùil, agus lus-a-chrubain. Bha lus-nan-cnap ’ga chleachdadh ri tinneas an rìgh. Cha chuirinn crioch air a chuspair so an nochd nan innsinn mu ’n h-uile luibh a bhathas a cur gu feum airson fuasgladh a thoirt do ’n tinn, agus furtachd do ’n chràidhteach. Air chùl a bhi deanamh feum do na luibhean airson leigheas, bha iad a deanamh iomadh ni eile leò. Bha an cneamh agus an fheanntag agus an duilleasg feumail airson càl. Bha freumhan a chairmeil air an tiormachadh, agus an sùgh aca air a chur an ceann uisge beatha. Tha am blas milis, agus is tric a thug gillean greis air an cagnadh. Tha gach buachaille eòlach air a bhraonan agus am brisgean. Chuala sibh— “Crochaidh mi a bhachlag, Mur a faigh mi ’m braonan.” Bha agus tha na luibhean feumail am measg nan Gàidheal airson dathan. Tha dath a chnotuil ainmeil an diugh anns a Ghalldachd. Bha am fraoch, am fearna, an seileach, agus an seileasdair nan dathan. Tha cùnntas air a thoirt ann an leabhraichean air an dath a bhathas a toirt as gach luibh. Cha ’n ’eil neach a sheallas air a so nach tuig an t-eòlas domhain a bha aig ar sinnsre air na luibhean. Dh’ ainmich mi gu bheil an luibh-eòlas ann an dlùth chomh-cheangal ri ar bàrdachd. Tha e mar an ceudna aig bonn ar sgriobhaidh. Mu ’n do thòisicheadh air na litrichean a th’ againn an diugh a chleachdadh bha na Ceiltich a sgriobhadh air rùsg nan craobh. Thug iad ainmeannan nan craobh uime sin air na litrichean a bha iad a cur gu feum. Bha A a seasamh airson Ailm; B airson Beithe; C airson Callduinn; D airson Darrach; agus mar sin air aghaidh. Anns a cho-dhùnadh chuirinn na ’r cuimhne gu bheil suaicheantas nam fineachan Gàidhealach air an taghadh á measg nan luibh agus nam fiodh, ach nam measg tha fiodh no dha nach ’eil idir a fàs anns an tìr so. Ciod an t-aobhar air son so cha ’n aithne dhomh. Tha gach aon eòlach air a shuaicheantas féin, agus uime sin cha toir mise iomradh orra. Air an latha ’n diugh tha moran do ’n t-seann eòlas so air a dhi-chuimhneachadh. Cha ’n ’eil an òigridh ’ga thogail bho ’n aithrichean, agus tha iad a sgur a bhi beachdachadh air na luibhean. Tha iad a’ gabhail tuilleadh ioghnaidh do na nithean a tha meuran dhaoine a deanamh. Ach cha ’n fhaigh iad asda sin an t-eòlas a tha ri fhaotainn bho bhi tabhairt fainear cionnus a tha na luibhean a fàs. Tha an diugh leabhraichean lionmhor anns a Bheurla, agus bu chòir do gach aon gu ’n ainmeachadh a h-uile luibh a tha fàs. Bheireadh so toil-inntinn dha air chùl fiosrachaidh, oir cha ’n aithne dhomh ni idir cho taitneach ri bhi foghlum bho lilighean nam machrach. Biodhamaid uime sin le tuilleadh soluis a leantuinn dlùth ri cliù ar sinnsre. Stuth-laidir aig Torraidhean. BHA e na ’chleachdadh anns an àm a chaidh seachad a bhi ’cosg stuth-làidir aig tòrraidhean. Tha an dòigh air an do chuireadh casg air an ni so ann an coithional Mhira, an Ceap Breatunn, ’s am meadhain a bh’ air a chleachdadh, air a h-innseadh le aon de leughadairean MHIC-TALLA mar a leanas. Faodaidh ar luchd-leughaidh làn-chreideas a chuir anns a h-uile facal a th’ air a thoirt seachad. “Air an t-seachdamh latha fichead dhe ’n Mhàrt, 1852, bha Domhull Mac Odrum, duine soilleir anns an Fhìrinn, a dol gu tiodhlacadh Ghilleasbuig Fhearghasdan (Gilleasbuig mac Phàdruig) a bha ’n Carribou Marsh. Air do Mhac Odrum a bhi mu mhìle gu leth bho ’n taigh aige fhéin, a dol do ’n tiodhlacaidh, choinnich e an [TD 69] [Vol. 11. No. 9. p. 5] t-Urramach an Doctair Mac Leòid a dol a dh’ fhiosrachadh boirionnach tinn a bh’ anns an nàbachd, agus bha e dol a thilleadh air ais thun an tiodhlacaidh. Air dhaibh a bhi co-labhairt treis, thuirt Domhull Mac Odrum ris a’ Mhinistear gu ’n cual’ e gu ’n robh deoch-làidir gus a bhi air a cosg aig an tiodhlacaidh, agus gu ’n robh e guidhe airsan as leth Dhé casg a chur air an ni mhallaichte. Fhreagair an Doctair gu ’n robh latha iongantach aca ann an so an diugh; gu ’n robh triùir marbh anns a choithional, agus gu ’n robh uachdaran Halifacs, Sir Iain Harvey, marbh mar an ceudna. Thog Mac Odrum a làmhan, a toirt glòir do Dhia gu ’n robh Uachdaran ann a b’ àirde; agus leis a sin thuit e seachad agus cha d’ fhuaireadh facal tuilleadh aige. ’S ann mar so a chaidh casg a chur air stuth-làidir o’n lath’ ud aig tòrraidhean anns a choithional ud.” Cha ’n ’eil ni is cinntiche nach ’eil Dia a’ cleachdadh na ’àm iomchuidh fhéin meadhainnean air-son stad a chur air na nithean nach ’eil a réir ’àithne. Tha e soilleir gu ’n robh guth an Tighearna ri chluinntinn anns an ni iongantach so; oir cha robh boinne de stuth-làidir air a chosg an déigh bàs an duine dhiadhaidh, Domhull Mac Odrum. Tha na rannan a leanas, a tha air an toirt á marbhrann a rinneadh beagan ùine an déigh a bhàis le Domhull Ros, a nochdadh am meas a bh’ air anns an sgìre ’san robh e:— “Am measg gach call a thainig oirnn A fàsach truagh nan deoir, Tha call nan càirdean gràdhach ud A b’ àbhaist bhi na ’r coir, ’Bha dileas is ro thairis leinn, ’S a sheasadh ris a choir, Gur tùrsach leinn ’bhi dealachadh, ’S bhi call an comunn beo. Tha sgeul an diugh air innse dhuinn, ’Chuir tiamhachd oirnn is bron, Is naigheachd dhuilich, chianail i, ’Dh’ fhàg nis ar cridhe leoint’, ’Bhi toirt air falbh na fianuis uainn ’Bha dileas anns a choir: ’S e Domhull mac Aoigh, a Mira, Bhi ’n diugh ga ’chur fo ’n fhod. Bidh cianalas ga d’ ionndrainn oirnn, O ’n chaidh thu uainn do ’n éug; An àm dhuinn dol do ’n choithional, Cha choinnich ruinn thu féin; Bidh t’ àite dhuinn na fhàsach ann, Ri caoidh do làth’reachd féin; ’S cha seinn thu air a chlàrsaich leinn Mar b’ àbhaist dhut le gléus.” Bha Domhull Mac Odrum gu math càirdeach do ’n bhàrd ainmeil a bh’ ann an Uidhist mu thuath—Iain Mac Odrum. Tha cuimhe aig an fhear a thug dhuinn an t-iomradh goirid so, air nighean leis a bhàrd fhaicinn ann an Ceap Breatunn. Ma tha gus nach ’eil gin de ’sliochd beò cha ’n urrainn duinn a ràdh. SEARMON AIRSON NA H-OIGRIDH. (Air a leantuinn). ACH ma bhàsaich Crìosd airson gach uile dhuine—ma bhlais e bàs airson gach aoin,—am bi gach aon, gach uile dhaoine, air an tèarnadh an lorg so? Tha mi a grad fhreagairt, cha bhi. Anns a’ bhaile-mhòr so tha tigh àraid shuas bràigh a’ bhaile, ris an abair iad Tigh-eiridinn (infirmary)—tigh gus a’ bheil daoine ’tha euslan, tinn, lag, air an giùlan. Neach sam bith a tha deònach, faodaidh e dol an sin, a’s gach sochair a th’ ann airson dhaoine euslan a sheilbheachadh. Ach mar ’eil neach air bith a meas gu bheil e féin euslan, no ann am feum leighis, cha ruig e ’leas dol ann. Ach ged a tha esan a’ diùltadh dol ann, gidheadh tha’n tigh-leighis ann; ’s tha’n tigh-eiridinn so airson gach duine. Tha e an sud deas réidh airson gach duine, ged a tha cuid ann, a’s iad bochd, lag, tinn, a tha ’diùltadh dol a stigh air a dhorus. Mar sin, tha Crìosd comasach agus toileach gach aon a thearnadh; ach tha cuid ann nach gabh ris, nach creid e, nach earbs’ as, nach tig d’a ionnsuidh. Cha chreid iad gu bheil feum air bith ac’ air, no air an t-slàinte ’tha aige air an son. Feuchaidh iad gach dòigh eile ach seachnaidh iad esan; agus mar sin, ged a tha esan toileach, comasach, gidheadh cha ’n ’eil iadsan; agus tha iad a’ bàsachadh, ged a bhlais esan bàs airson gach duine. Tha duine saoibhir beartach ’san rìoghachd a thog tigh mòr eireachdail airson daoin’ a bha dall; agus chuir e ’mach anns na pàipeirean-naigheachd, gum faodadh gach leanabh dall ’san rioghachd teachd a dh’ ionnsuidh an tighe so—gum b’e làn am beatha—gum faigheadh iad biadh, a’s aodach, ’s gach cothrom—gum faigheadh iad fòghlum tre ’n leughadh iad focal Dhé, agus gu ’n leighisear iad o’n doille—gum faigheadh iad fradharc an sùl; ach so uile air chùmhnant gu’n giùlanadh gach leanabh beag dall a bha ’dol a stigh do’n tigh sin e féin gu freagarach—gum biodh iad nan leanabanan math, riaghailteach, umhal do gach òrdugh a’s àithne a chuirear mu’n coinneamh. Nis, so agaibh tigh airson gach dall ’san rìoghachd—’se beatha gach aoin. Ach an tig gach duine dall do ’n tigh so? Cha tig. Deir cuid nach ’eil déidh air bith ac’ a bhi air an éideadh, no air an teagasg, no fradharc an sùl fhaotuinn. Mar sin, ged a tha tigh airson gach aoin, cha tig gach aon—diùltaidh iad, fanaidh iad air falbh, ’s cha’n ’eil an tigh a’ deanamh feum doibh. Mar so a thaobh an Tighearna Iosa Crìosd. Faodaidh gach aon dol d’a ionnsuidh; tha cuireadh aca; ’se’m beatha. Tha e ’glaodhaich orra teachd; ach cha tig iad. Ged a tha làntachd gràis ann, cha bhi a h-aon air an tèarnadh ach iadsan a thig d’a ionnsuidh, ’s a bhios umhal, dìleas da. Ach is docha gu bheil thu a’ feòraich, an e gu ’n d’ ullaich Dia slàinte a’s tearuinnteachd do gach aon, a’s gidheadh gum bi cuid ann nach bi air an tèarnadh? An do leag esan stéidh leathann airson ’eaglais mhòir choitchionn, agus, an deigh so, an e nach tog e ach aitribh bheag air an stéidh luachmhoir? Tha mi ’ga fhreagairt so le a ràdh gu’n do sholair Dia Slànuighear a tha deònach, comasach, air na h-uile dhaoin’ a thearnadh; agus gidheadh, cha tearuinn e ach iadsan a chreideas ann an Iosa Crìosd, a bhristeas air falbh o’m peacanaibh, ’s a bheir ùmhlachd. Cha ruig mi a leas innseadh do a h-aon agaibh gu bheil Dia a’ solar iomad beannachadh airson gach aoin; gidheadh, cha ’n ’eil gach aon a’ seilbheachadh nam beannachdan sin, ged a dh’ fhaodadh iad. Chruithich Dia solus na gréine do gach duine; ach tha cuid a leigeil ris gum b’ fheàrr leo a bhi nam méirlich, ’s a dhol a mach ’san oidhche a ghoid, ’s a bhi ’nan suain ’s ’nan cadal feadh ’n latha, fhad ’s a tha ’ghrian a’ soillseadh. Gidheadh, tha solus ni ’s leòir ann air son gach aoin, ma thogras gach aon feum a dheanamh de’n t-solus sin. Mar so chruithich Dia uisge ni ’s leoir ’chum gach duine tartmhor air aghaidh an t-saoghail a riarachadh, ’s am padhadh ’s an tart a shàsachadh; ach tha cuid ann nach òl e—leis am feàrr bàsachadh le tart no teachd a dh’ ionnsuidh an fhuarain a chaidh ’fhosgladh. Is feàrr leo gu mòr deoch làidir a tha na phuinsean doibh òl, no teachd a dh’ ionnsuidh tobair an uisge bheò; ach tha làn phailteas de dh’ uisge ann, ged a tha iadsan a’ diùltadh teachd d’a ionnsuidh. Am faod neach air bith a ràdh nach do bheannaich Dia latha na Sàbaid airson gach aoin, agus feum gach aoin, ged a tha co liuthad aon a’ deanamh tàir air an latha beannaichte? Anns gach cùis a dh’ ainmich mi, agus ann am mìle cùis eile, tha fios agam gu’n do dheònaich Dia ’na thròcair iomad beannachadh airson dhaoine, ged a tha mòran dhaoine ann a tha co gòrach pheacach ’s nach gabh iad ris na beannachdan a tha air an cur ’nan tairgse—a tha ’deanamh droch fheum dhiubh—’gam mi-bhuileachadh, ’s ’gan cuir gu droch bhuil. ’Sann dìreach mar so a tha e ’thaobh na sláinte a choisinn Crìosd. Tha i co saor ri oiteig nan spéur, ri gaoithe an adhair—co saor ris an uisge ’tha ’sruthadh ’s a braonadh o na spéuran; ach faodaidh daoine diùltadh a gabhail, agus tionndadh air falbh uaipe. Leighis esan gach duine euslan a thainig d’a ionnsuidh am feadh ’s a bha e ’san t-saoghal so; ach ma bha neach air bith ann a bha tinn, ’s nach deachaidh d’a ionnsuidh, no nach do chuir fios d’a ionnsuidh, cha robh iadsan air an leigheas; cha’n ann a chionn nach robh esan comasach agus deònach, ach a chionn nach deachaidh iad d’a ionnsuidh. Nis, dh’ fhaotainn crìochnachadh; ach tha ’mhiann orm focal no dha a labhairt ris a’ mhuinntir òig mu’n dealaich mi riu air an àm. Agus ’se ’n nì a tha ’mhiann orm gu h-àraid a ràdh, gur peacadh mòr gun ghràdh a thoirt do dh’ Iosa Chrìosd airson a thròcair, ann an strìochdadh gu bàs a bhlasad airson gach duine. An saoil sibh, nam b’ urrainn dhomhsa labhairt ribhse mar so, mo chàirdean òga:—“Innsidh mise dhuibh eachdraidh bheag mu thimchioll na thachair dhomh féin: dìreach éisdibh mar gum biodh i fìor. Bha mi aon uair fad’ air chuan, ann an tìr chéin—fada, fada mach air chuan, ann an luing mhòir, a’ siubhal do na h-Innsibh, a tha fada thall. Air latha àraid, thainig long choimheach ’san t-sealladh, ’s ghabh i dìreach a nuas a dh’ ionnsuidh an àite san robh sinn. Bha eagal oirnn roimpe, agus chuir sinn gach òirleach de shiùil ris na croinn a b’ urrainn an long againn a ghiùlan, a chum dol as, nam b’ urrainn duinn; ach cha robh so comasach. Ghlacadh sinn, a’s thug iad sinn do’n àite ’san robh iad a’ dol. Chuir iad iaruinn air ar casan, a’s air ar lamhan. Thug iad dhinn ar n-aodach, a’s reic iad sinn sa’ mhargadh mar thràillean—direach mar a reiceas daoine crodh a’s caoraich ’san àite so. Cheannaicheadh mise le duine saoibhir, beartach; ach duine gun iochd, cruaidh-chridheach, borbarra. Cha mhòr nach do chuir e bàs mi le dìth bithidh, agus sgiùrs e mi gach làtha le crios leathraich. Mar so chuir mi seachad bliadhna no dhà; ach chualas na m’ dhùthaich féin, mar a thachair. Chual’ an t-aon charaid a b’ fheàrr ’s bu bheartaiche ’bh’ agam riamh mar a dh’ éirich dhomh, agus ghabh e truas dhiom. Bha so uile na nì iongantach, oir ghiùlain mi mì féin d’a thaobh air an dòigh a bu mhi-thaingeile; ach coma có dhiùbh, chuir e roimhe mo shaoradh. Dh’ fhàg e a dhùthaìch ’s a dhachaidh féin—dhealaich e ris gach ni bu luachmhoire a bh’ aige ’san t-saoghal, a’s chaidh e air mo thoir, a chum mo shaoradh o’n tràilleachd. ’Nuair a ràinig e ’n t-àite, dh’ innis e na bha ’na bheachd. Cha dealaicheadh mo mhaighistir rium—cha reiceadh e mi airson òir no airgid. Mu dheireadh, thairg mo charaid a bhi na thràill e féin air mo shon, agus ann am àite. Ghabh e an tairgse so. Bha na h-iaruinn air ball air an tilgeadh o m’ chasan, agus chuireadh iad air casan mo charaid; agus an sgiùrsadh a rinneadh roimhe so ormsa, chaidh a nis a bhuileachadh airsan. Chunnaic mi e na thràill bhochd ’san àite so, agus bha fios agam gu’n d’ fhag e a dhùthaich féin, ’s a dhachaidh féin, air mo shonsa, ’s gu ’n d’ fhàs e na thràill, eòlach air bròn; agus so uile air mo shonsa, ’chum [TD 70] [Vol. 11. No. 9. p. 6] mo shaoradh a chosnadh! Thainig mise dhachaidh ’chum mo chàirdean fein, ’s tha mi nis a’ sealbhachadh iomad mile sochair a’s beannachd air a thaile-sa; ’s a nis, feuch tha mi a’ dì-chuimhneachadh mo charaid, a chinn na thràill ann am àite. Cha’n àbhaist domh labhairt mu ’dhéidhinn—cha’n àbhaist domh sgrìobhadh d’a ionnsuidh—cha’n àbhaist domh smuaineachadh air, ’s cha mhò ’tha gràdh agam air. Nach ’eil so mi-thaingeil? Nach ’eil so olc, peacadh? agus an e nach ’eil cridhe peacach agamsa?” Nis, tuigibh ciod is ciall d’a so. Nach robh sinn uile ’nar tràillean truagh do’n pheacadh? Bha sinn uile ann an trailleachd ’s an daorsa—uile air ar milleadh. Bha Iosa Crìosd ann an nèamh, maille ri ’Athair. Ghabh e truas dhinn. Bha Esan saoibhir, a’s bhuineadh Dhàsan neàmh agus talamh mar oighreachd; ach chinn e bochd—thainig e gu luath air sgiathaibh a ghràidh do’n t-saoghal. Air ar son-inne chinn e bochd. B’ àill leis ar ceannach, agus cheannaich e sinn, le ’bhi air a dheanamh na mhallachd air ar son. Cheannaich e sinn, cha’n ann le nithibh truaillidh mar airgiod a’s òr, ach le ’fhuil phrìseil, luachmhoir féin. Chàirich Dia air ar peacaidh-ne gu léir: le ’chreuchdaibh-san tha sinn air ar slànachadh. Nach bu choir dhuinn Iosa Crìosd a ghràdhachadh, a’s sin le’r n-uile chridhe? Bhàsaich Crìosd air ar son, ’nuair a bha sinne ’nar naimhdean.—Bha duin’ ann an Sasunn ris an canadh iad Iain Howard—duine co iochdmhor ’s a bha riamh ’san tìr. Chaidh esan thairis air an Roinn-Eòrpa gu léir, a choimhead nam prìosan anns an robh daoine bochd air an gleidheil, ’s a dheanamh math dhoibh. Chinn na prìosanaich thruagha co bàigheil mu ’n duine, ’s gum b’ àbhaist leo tuiteam aig a chasan, ’chum am pògadh, ’s am beannachadh a thoirt da. Ach cha robh iadsan nan naimhdean da, ni mò a bhàsaich e air an son; ach bhàsaich Crìosd air ar son-inne, ’nuair a bha sinn ’nar naimhdean da. ’Sann an so a bha ’n gràdh! Có an slànuighear a chuirear an coimeas ri Crìosd? Mo chàirdean òga! ciod matà, ’ur barail air Crìosd? Tha ceithir nithe ann bu chòir dhuibh a dheanamh mu Chrìosd, ’s a dheanamh fhad ’s a tha sibh ann an tìr nam beò. ’Sa’ cheud àite, smuainichibh mu dhéidhinn Chrìosd a h-uile latha, fhad ’s beò sibh, na’r cridheachaibh. ’San dara àite, leughaibh mu dheidhinn Chrìosd anns a’ Bhìobull, a’s feuchaibh gach nì ’tha sibh a leughaidh a thuigsinn. ’San treas àite, biodh e na chùis mhulaid duibh co beag ’s a rinn sibh a smuaineachadh mu ’dhéidhinn—am beag gràidh a th’ agaibh d’a thaobh—’s co beag ’s a tha sibh air ’ur n-irisleachadh ’s fo mhulad airson ’ur mi-thaingealachd. ’S a’ cheithreamh àite, thugaibh dha ’ur gràdh, ’ur cridheachan, ’ur bithean, ’s na bheil agaibh.—Cuairtear nan Gleann. MU IMRICH NAN GAIDHEAL. Litir a chaidh a sgriobhadh leis an Urr. Tormod Mac-Leoid an earrach na bhliadhna 1841, air dha bhi ’feuchainn ri cuideachadh fhaotainn o’n phàrlamaid dhaibhsan a bha toileach tighinn air imrich do Chanada. MO LUCHD-DUTHCHA IONMHUINN,—Chuala sibh gu’n robh cor nan Gàidheal bochda air a thoirt fo bheachd na Parlamaid le Mr. Baillie, duine fiachail tha ’suidhe ann an ard-chomhairle na rìoghachd air son siorramachd Inbhirnis. Thug e a leithid do chùnntas air a’ bhochduinn fo’n robh móran do na Gàidheil a’ fulang ’s gu ’n do chuireadh air leth, mar theirear ’sa Bheurla, committee, ’se sin buidheann àraidh do mhuinntir na Parlamaid chum a’ chùis so a rannsuchadh, agus an comhairle thoirt ciod bu chòir a dheanamh. Ghairm a’ bhuidheann thaghta so daoin’ uaisle bha eòlach air staid na Gàidhealtachd, suas do Lunnuinn, gu bhi air an ceasnachadh ’nan làthair. Ghairmeadh deich no dusan fianuis suas, agus ’nam measg sin bha mise. Cha bhuin e dhòmhsa a rádh, ged robh fios agam air, gun tighin air nach ’eil làn fhios agam fhathasd air, ciod na nithe mu ’n do chruinnicheadh càch, ach feudaidh mi a ràdh gu ’n do cheasnaich iad mise fad tri làithean mu dhéibhinn gach nì air an robh fios agam mu chor nan Gàidheal, mu ’n bhochduinn anns an robh mòran diubh—mu ’n anacothrom a bha iad a’ fulang—an droch lòn a bha aca air uairibh r’a itheadh—an dìth aodaich—an droch thighean—an dìth aodach-leapach a bha air anabharra dhiubh, gu h-àraid ’sna h-eileanan tuathach—an droch cothrom a bha aig cuid do chroitearan beaga, agus aig coitearan bochda—mu gach seòrsa cosnadh a bha iad a’ faotainn, aig iasgach, aig buain, agus anns na bailtean margaidh—mu staid nan sgoilean agus gach ni eile bha feumail chum cor na Gàidhealtachd a leigeil ris doibh. Dh’ fheuch sinn so uile a dheanamh co soilleir dhoibh ’s a b’ urrainn duinn. Bha do litrichean againn air ar siubhal, a thainig ’g ar n-ionnsuidh as na cearna sin ’nuair a bha sinn a’ cur na mine agus a’ bhuntàta d’ an ionnsuidh anns a’ bhliadhna 1836 agus 1837, ’s gun robh e ’nar comas gach ceisd a fhreagairt. Dhearbh sinn doibh gun robh, a réir gach cùnntais a b’ urrainn duinn fhaotainn, fichead mile teaghlach ’sa Ghàidhealtachd ann am fior bhochduinn, a’ tighinn suas air dhòigh a bha truagh r’a thoirt fa near, agus mur biodh ni-eiginn air a dheanamh air an son, nach robh fios againn ciod a dh’ eireadh dhoibh, gu ’n robh iad mòran diubh gun aodach gun chaiseart, leis am b’ urrainn doibh dol gu féill no gu clachan, gun chosnadh sam bith a b’ fhiach ainmeachadh, gun chomas ceaird no ealaidh, no sgoil no foghlum a thoirt d’ an teaghlaichean; agus gum bi ar barail, nam b’ urrainn doibh, gu’n rachadh mòran diubh thairis do dh’ America, ach nach robh so ’nan comas, nach robh aca air aghaidh an t-saoghail na dhìoladh an t-aiseag, gun tighinn ar aodach cuirp no leapa leis am b’ urrainn doibh imeachd; ach nam biodh doigh ann air am b’ urrainnear an toirt thairis, agus fearann a thoirt doibh an déigh ruigheachd, agus por a’ cheud bhliadhna, gu ’n robh sinn làn chinnteach gu ’n robh na mìltean ann a ghabhadh an t-aiseag gu taingeil, gu h-àraid nam faigheadh iad féin agus an cairdean, sean agus òg falbh le chéile, agus socruchadh le chéile san aon àite. Cheasnaicheadh sinn mu ’n airgiod a chruinnicheadh air son freasdal do na Gàidheil bhochda bliadhna na ganntair; bha gach cunntas againn deas air an son, agus na leabhraichean far an robh gach ni do thaobh so air a chur sìos: leig sinn ris doibh gu’n robh tri-fichead ’s a deich mile punnd Sasunnach air a chruinneachadh gu h-uile air an àm sin, a bharrachd air deich mile thug luchd-riaghlaidh na rìoghachd seachad—a’ deanamh suas uile gu leir, ceithir fichead mile punnd Sasunnach. Dh’ fheuch sinn doibh mar a chuireadh so a mach ann am min, ann an sìol-cuir, buntàta agus aodach, agus an cuideachadh a thugadh do chuid a bha dol air imrich do America. Tha fhathasd beagan, tri no ceithir do mhiltean punnd Sasunnach, air mhairionn airson cuideachadh fhad ’s a theid e, ma dh’ fhàilnicheas bàrr no thig cruadal a rithist air na daoine bochda. Ann an ùine ghoirid bidh teisteas nam fianuisean a bha air an ceasnachadh, air a chlo-bhualadh agus air a chur a mach, air chor ’s gum faod na thogras a leughadh; agus is e da riribh mo bharail gum faighear agus gu’n aidichear gu ’n robh a’ chùis air a càramh gu riochdail mu choinneamh nan uaislean àrda bha ’gar ceasnachadh. Ciod a thig á so ’s duilich ìnnseadh; cha ’n fhaod mi a ràdh gu bheil mo dhòchais féin ard. Cheasnaicheadh mar an ceudna daoin-uaisle o Chanada, a dhearbh gu soilleir gu ’n robh gu leoir do dh’ fhearann thall acasan r’a sheachnadh, agus ged a rachadh na ficheadan mìle a nùll gu ’n robh cosnadh agus obair, agus farsuingeachd gu leòir ann air an son. Dhearbh iad so gur h-iad na Gàidheil an sluagh bu taitniche leò ann an Canada; gum b’ fhearr leo am faotainn nam measg na Eirionnaich, Sasunnaich no Goill; gu ’n robh iad na bu chruadalaiche na seòrsa eile; gu ’n robh iad teòm, iasgaidh, lùthmhor, làidir; gu’n seasadh iad fuachd agus iomadh anacothrom nach seasadh feadhain eile. Cha ’n eil òr no airgiod, do réir coltais aig a’ bhan-righ r’a sheachnadh; tha iad ag ràdh gu bheil sporan mòr na rìoghachd an impis a bhi falamh; nach toir iad cuideachadh air bith dhuinn le airgiod, ach tha seòrsa do dh-aobhar dòchais gu’n toir iad luingis chum iadsan tha toileach falbh a ghiùlan thairis. Ma ni iad so féin, agus gu’n cuidich na h-uachdarain leò ’s gu ’n gabh muinntir Chanada cùram dhiubh an déigh ruigheachd, mar tha aobhar dochais gu ’n dean iad, bidh so féin ’na chothrom agus ’na chuideachadh mòr: ach bheireamaid comhairle do ’r luchd-dùthcha foighidin a bhi aca, ’s gu ’n ni air bith a dheanamh gu h-obann no gu cabhagach. Chitear an ùine ghoirid ciod thig as a so; bidh a’ chùis an ceann mhios chuid air a’ chuid a’s faide, air a toirt fo bheachd na pàrlamaid, agus an sin bidh fios againn ciod bu chòir dhaibh a dheanamh. Tha eagal oirnn nach faighear móran a dheanamh air an earrach so tuilleadh; ach ’s mór ma nitear uidheamachadh air son toiseach na h-ath bhliadhna. Tha fios againn gu bheil moran a’ faotainn coire dhuinn airson a bhi ’cuideachadh chum an imrich so a chur air aghaidh; tha fios againn mar tha cuid san àite so fein ’gar smàdadh, mar gu ’m bu mhiann leinne ar luchd-dùthcha fhògradh air falbh agus an saodachadh as an tìr. Tha móran nach dean dad iad féin, nach teid leud bonn am bròige null no nall air son maith an luchd-dùthcha, ach a tha àrd-bhriathrach gu leòir ann an labhairt an aghaidh feadhnach eile aig a’ bheil miann math a dheanamh. Tha uiread ghràidh againn d’ ar luchd-dùthcha ri duine air uachdar an t-saoghail, agus faodaidh sinn a ràdh gu ’n do dhearbh sinn so an àm na feuma; agus ged is duilich leinn na daoine treuna, teò-chridheach, dìleas, rioghail fhaicinn a’ fàgail an dùthcha, tìr an òige, ’s duilighe leinn gu mór a bhi ’g am faicinn a’ bàsachadh le gort, agus ann an cor cho déisneach, muladach ’s a tha iad. ’S mi ’ur caraid dìleas TORMOID MAC LEOID. Glaschu, 30 là do ’n Mhàirt, 1841. A’ CHUIRT MHOR—Sgaoil a chùirt mhór air a chóigeamh latha fichead. Bha àireamh chàsan air am feuchainn, agus b’ fheudar àireamh a chur seachad gu àm eile. Bidh suidhe eile aig a’ chùirt air an ath mhios. Dh’ eas-aontaich an jury air càs Bhayley a rithist, agus bidh e air fheuchainn an treas uair aig an ath suidhe. Fhuaireadh Charbonneau ciontach de mharbhadh an Fhriseilich, an Glace Bay, agus thugadh da bhliadhn’ deug dhe ’n tigh-obrach dha. Fhuair fear Runwell, air-son caochladh chiontan, cóig bliadhna ’san ionad cheudna. B’ e ’m Breitheamh Weatherbe a bh’ air ceann na cùrtach, agus, ni a bhatar a’ faicinn glé neònach, chaidh an jury na ’aghaidh air cuid de na càsan bu chudromaiche ’bha fa ’n comhair. [TD 71] [Vol. 11. No. 9. p. 7 ] Oran. A rinneadh le Donnachadh Mac Gilleain, a bha na ’mhinisteir an Gleann-Urchaidh, an siorrachd Pheairt. Tha an t-oran briagha so a nochdadh “aoibhneas a bhroin” a dhùisg ann an cridhe an ùghdair, air dha dearcadh air maisealachd tìr a bhreith is òige. ’S mi ’m shuidh’ air an tulaich Air mullach an aonaich, Gun duine a’ m’ chuideachd— Gu buileach a’ m’ aonar— Tha smaointeanan iomadh Air m’ anam ag aomadh, ’Bha fada na ’n cadal; Ach innseam an t-aobhar. Tha mo shuil air Loch-Tadha, ’S gach faileas is bòidhche A chi mi na broilleach, Mar chaoin uchd caomh òighe; Mar leanabh na chadal ’Am maduinn na h-òige, A ghaoth buin gu caomh ris Mu ’n caochail a gloirmhais’. Tha ’n sealladh ’tha ’sgaoil’ Air gach taobh agus laimh dhiom Làn maise mar b’ abhaìst, ’S gnuis naduir gun sgraing oirr’; Na coilltean cho ùrar, ’S luchd-ciùil air gach crann diubh Le ’n ceileirean siùbhlach— Mo rùn-sa gach àm iad! Tha Dochard ’na dheannaibh, A’ teannadh ri Lòchaidh, An coinneamh a chéile, Bean bheusach chiuin chòmhnard; ’S ’n uair thig i ’na ghlacaibh ’S a naisgear iad còmhladh, Grad thréigidh a bhuirb’ e ’Us striochdaidh a mhòrchuis. Is maiseach an sealladh Gleann-Dochard ’s Gleann-Lòchaidh Le ’n lùban, le ’n glacan, Le ’n leacain, le ’n còmhnaird— Le ’n sruthanan siubhlach, Le dùsluinnean boidheach, ’S an cluinnear an smudan, Am brùdhearg, ’s an smeòrach. Tha iadsan gun chaochladh ’S an aogasg a b’ àbhaist; Ach c’ait ’eil a chuideachd A chleachd a bhi ’tàmh annt’? Tha cuid fo na leacan, ’S a chadal ’tha sàmhach— A’ chuid is ro phailt’ Air an sgapadh ’s gach àite! C’ait ’eil a bhuidheann, Bha mireagach, luaineach, Ag iasgach nan sruthan ’S a tathaich am bruachan, A’ cleasachd gu h-aotrom Feadh raointean ’us cluaintean, ’Trusadh chnò anns a choille, ’S am faighte na ruadh-bhuic! Tha Deisheir ’na àbhaist Fo shailtibh Beinn-lamhair, ’S a ghrian air a’ dearsadh O àirde nam flaitheas; Ach co chuireas fàilt’ oirr’— ’Ni gàirdeachais leatha De ’n chuideachd a b’ àbhaist Bhi ’pàrtach de ’maitheas. Tha smuid o thigh m’ athar A’ direadh mar ’bha i, ’Na cearclaibh ’s na dualaibh Réir a dual ’us a naduir; Ach c’ait ’eil an t-athair A dh’ altrum mi tràthail, ’Us caomhag nam mnathan! C’ait ’eil i, mo mhàthair? Chi mi ’n tigh-sgoile, Gun mhuthadh, gun chaochladh, Ach c’ait ’eil na fiurain A dhuisgeadh mo ghaol doibh? Tha ’n sgeap mar a bha i, Ach c’ait ’eil an sgaoth ud, Bha cnuasachd na meala, ’S bha caidireach, gaolach! ’Us chi mi an eaglais Air lombar na sràide, Ach c’ait ’eil a’ chuideachd ’Ga dumhlach’ mar b’àbhaist? C’ait am fear-teagasg A choisinn mo ghradh dha, ’S e freagradh Mhic-talla, “Is beag dhiubh ’tha lathair!” Fo ghlasaibh nam fuar leac ’S an uaigh air an tasgadh, Gus an tig an là Luain sin ’S am fuasglar a glasan, Tha comunn mo ghràidh A bu bhlàth leam ’s bu taitneach, ’S na dh’ fhàgadh ’n an craobhan Le aois air an seacadh. Gu h-iosal mu ’m choinneamh, ’N am folach ’s an dusluinn, Am fochair a cheile Tha ’n Caisteal ’s an cruislinn; Tha easan ’na làraich Na àros do ’n eunlaith, ’S ni ’m faicear ann lamh gheal ’Ni clàrsach a dhusgadh. Threig a mhais’ e gu sìorruidh, O’n thriall iad, na h-àrmuinn ’Tha balbh agus tosdach Na fhochair ’us lamh ris; Sgal sionnsair cha dùisg iad Mur bu dùgh ’us a b’ abhaist; Is cadal am feasd doibh Gus an tig là a bhràth orr’. Bha iad innleachdach, teòma, ’Us gaolach air beairteas— ’Ga thorradh ri cheile Le eucoir no ceartas; Ach faic mar a dh’ eirich, An tréine ’s an tapadh, Do ’n aog b’ eiginn géilleadh, Iad fhein us an gaisgich! Tha Cinealla nan leòmhan ’S Acha-mhòr mar a bha iad, Ach thriall na fir mhòra Rinn còmhnuidh ’us tamh annt’, Chrion na stuic, shearg na fiùrain Bha ùrar ’us fàsor; Tha ’choill air a rùsgadh ’S na fiùthaidh air basachd’? ’S iomadh mùgh agus caochladh ’Chi ’n aois nach bu mhiann leath, Bheir deòir o na sùilean ’S a dhùisgeas trom iarguin; Chi i choill ’us an dùsluinn ’S a fiuranan ciatach, Bha nan àileagain rùnach Air lùbadh ’s air crionadh. Chi ’n tigh air a rùsgadh ’S an smùid air a smaladh— ’Us tosdachd ’toirt buaidh Far an cual i ceòl gàire; Leac-an-teinntean gun ainneal ’Us smalan ’s gach àite, ’S i fhéin air a dochunn Le lot a tha bàsmhor. Mìle soraidh do ’n tìr Leam cinnteach bu taitneach, ’Us do Chlachan Chill-fhinn, ’S do na glinn a tha ’n taic ris! Do bheanntan càs àrda, Gach mam agus leacain— Tìr nam fear cròdha, Bu bhòidheach fo bhreacan! ’Nis slan leis na srùthain Mu ’m faicte an t-iasgair! ’Us slan leis na mòintean ’S am faighte am fiadhach! Slàn leis na sléibhtean, ’S Beinn-léimhinn mo chiad ghràdh! Slàn le Braidalbainn, ’S am b’ ainmeil siol Dhiarmaid! Is olc am meirleach a dh’ itheas ’s a dh’ innseas. Is e ’n duine ’n t-aodach, ’s cha ’n i ’cholainn bhriagach. Is cuagach ceartas an eucoirich. Gu Cairdean na Gaidhealtachd. Le dichioll thri bliadhna agus le suim bho ’n Riaghladh, thrus mi ri cheile £550 airson togail laimhrig do dh’ iasgairean a’ Stòrr, an Assaint; ach tha fathast £50 a dhìth oirnn airson an obair a thoirt gu crich. Tha mi a’ guidhe air ar càirdean an America cuideachadh leinn, le suim beag no mor. Tha mi a toirt cuireadh gu sonruichte dhaibhsan a chaidh á Assaint, agus a tha eolach air gach gàbhadh is cunairt a tha na daoine so a fulang air oirthir garbh an Stòrr, Sgriobh gu JOHN MACLEOD, M. A., Culkein Stoer, Sutherlandshire. Cha robh mo ach nach robh sona. Cha d’ rug fear na caithris riamh air fear na moch-eiridh. Am fear a bhios tric an gabhadh, theid a bhathadh uaireiginn. An uair a thig righ ur thig lagh ur. D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—Far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—’San tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 72] [Vol. 11. No. 9. p. 8] Feasgar Fann Fogharaidh. LE MAC-OIDHCHE. Tha ’n abhainn ag ialladh troimh ’n ghleann, ’S air gach taobh dhi tha àrd-bheanna cas, Far an cluinnteadh mor-thorman nan allt’ A’ tearnadh gu calmara, bras, ’N uair a sguabas an doinionn am fraoch, ’S air an aonach a dh’ aomas an fhras. Ach an nochd anns a’ choire ’s beag ceol, ’S ciuin orain nan sruthan mu ’n cuairt; Tha gach maol-bhinnein caillte ’s na neoil A tha ’tuirling ’s ’g an comhdach gu luath; Tha gorm-shnuadh an fheasgair ’sa ghleann, Agus sith ’dol gu ard-cheann nan cruach. Tha feadag ri caoidh air an tom— Fead lom, fhada ’s cianaile fuaim— Mar thaibhs’ air a sguabadh o ’n tonn, ’S e ’freagairt a trom-ghuth fad’ uaith, No seann-treun a rinn éirigh bho ’n fhonn, ’Sa chuir lom-sgrios a dhùthcha fo ghruaim. O, eala, O, eala mo ghaoil, Thar monadh an fhraoich a’ dol seach, Tha thu ’stiùradh gu iar-chuan na gaoith, ’S neoil mhaoth-gheal a’ falach do dhreach; ’N ann a’ freagradh na fairg’ tha thu ’glaodh’ch? ’Bheil a h-anail mu d’ thaobh tha mar shneachd? Cha chaoidh thu mar mise ’s an àm;— ’S iomadh bàrd ann an rann ’chuir an ceill Mar a dh’ fhogar luchd-aiteach nam beann, ’S a dh’ fhàsaichear àros nan treun;— O, cha chaoidh thu, oir, agads’ gach àm, Tha comhnadh na fairge nach geill. Ach c’uime ’bhi caoidh? oir cha till Ar caoidh-ghuth na gaisgich a dh’ fhalbh; Ach, sìnte ged tha iad ’s a’ chill, Cha ’n ’eil iad ’s na linnte so balbh; Tha ’n gniomhan a’ togail an cinn, ’S ag éigh’ch ruinn mar ghuth o na mairbh. Cha ’n ’eil air na Gaidheil ach ceo, Mar neoil air na sléibhtean ud thall; O, mosglaibh gu luath as ur clodh, Is fàsaibh mar og-choill’ nam beann; Deanaibh dùsgadh ’s na tuitibh gach lo Mar sheann-choill’ gu mointeach na gleann! Gruagach Dhonn a’ Bhroillich Bhain. A ghruagach dhonn a’ bhroillich bhàin, A chum a’ chodhail rium Di-màirt, A ghruagach dhonn a’ bhroillich bhàin, Gu ’m bu slàn a chi mi thu! A ghruagach dhonn gun gho, gun fhoill, A chum a’ choinneamh rium an raoir, Bha mi comhradh riut ’s a’ choill, ’Sinn ann an caoimhneas diomhaireach. A ghruagach dhonn, &c. Rinn mi coinneamh riut gle og, Ann an coille dhlùth nan cno; Bu bhinne leam do ghuth na ’n smeorach, ’S tha do phog mar fhigis leam. Fhuair mi sud le mùirn ’s le tlachd, Ann am bun an stùc-uillt chas, Pog na h-oighe ’s boidhche dreach, ’S bu mhor mo mheas ’n uair shìn thu i. Cha b’ ann le éiginn no cùis chruaidh A fhuair mis’ a’ phog ud bhuait, Ach le caidreamh sèamh gun ghruaim, Gu soitheamh, suairce, siobhalta. ’Mhaighdean, na biodh ortsa gruaim, Ged a shéideas a’ ghaoth tuath— Tha ’cuid thimbers làidir, cruaidh— ’S, a ghruagach, na biodh mi-ghean ort. Tha sgiobadh ghasd’ againn air bord, Math gu reefadh ’s pasgadh sheol, ’S mur an dean iad gloine ol, Cha ’n ’eil an corr r’a inns’ orra. ’N uair a thilleas mi as an Fhraing, Airgiod poc’ cha bhi oirnn gann— ’Cunntas ghineachan am’ làimh, ’S cha bhi peighinn ann nach sìnear dhut. Gu ’m bu fallain ’s gu ’m bu slàn Dhi, ’chum a chodhail rium Di-màirt; Iarguin m’ aigne ’s m’ airsneul phràmh, ’S mo chion-gràidh da-rireadh thu! An Fhearg. Latha dhomh ’s mi leam fhéin, Air an fheirg gu ’n d’ thugas luadh, Cuid de ’béusan chur an céill, Gu ’n tiùbhrainn ri m’ ré dhi fuath. ’S olc an companach an fhearg, Gu ’m bheil puinnsein searbh na ’gath; Mur a cuir thu srian ri’ tràth, Tuitidh tu ’s a’ bhlàr na ’gath. ’S ro choltach an fhearg na ’boil’, Ri poit air ghoil ri teine dian Bidh i sior chur thairte sguim, Gus am faigh i rùm d’a miann. An fhearg sin a thig bho ’n strith, Bidh i ro chiocrach gu fuil; ’S mur a mùchar i gun dail, Bheir i air na mnài ’bhi ’gul. Ge h-ionmhuinn leat do bhean-phosd’, Agus do chlann og gun cheist; ’N uair a lasas ort an fhearg, Bùiridh tu mar tharbh na ’m measg. A’ bhean og, ged tha i ciùin, D’ an tiùbhradh tu rùn fainear; An tràth lasas i le feirg, Càinear leath’ gu searbh a fear. Tra theid càch a thaigh an oil, Falmhaichear leo ’n corn gu tric: Thig an fhearg le briathran mor, ’S plùcadh dhorn bho ghloir nach glic. Casaidh sron is tòcaidh pluic, Gruaim an uilc bidh air an t-sùil, Bidh gach ball de ’n chorp air chrith, A’ dol na ’n ruith as an iùl. Cha ’n ’eil urram aic’ a dh-athair, ’S cha ’n ’eil athadh aic’ a chloinn, ’S ionann leath’ caraid ’us nàmhaid; ’S tionnda’idh i gràdh bun os cionn. ’S fuil a mhùchas fearg an strith, ’S tric a thug i ni do ’n léigh; Ach ma ’s àill leats’ a bhi ’n Criosd, Iarr siochaint ’s lean na ’dhéigh. Is ma ghlac thu fearg an-réir, Na peacaich leatha la d’ mhiann, Dian a crathadh dhiot gu grad, Seal mu ’n teid a laidhe ’ghrian. Ma ’s àill leat an fhearg a chlaoidh, Glac an claidheamh so gach uair: Iarr-sa mathanas, dean sith, ’S ro-bheannaichte an t-sith a fhuair. Bas. Air taobh deas Abhainn Dhennis, C. B., air an t-seachdamh latha de dh’ October, an deigh tinneas fada, air fhulang le foighidin Chriosdail, Mairearad, bantrach Chaluim Mhic-Amhlaidh, nach maireann, tri fichead is ochd bliadhna dh’ aois. Thainig i nall as a’ Ghaidhealtachd na ’paisde comhla ri ’parantan ’sa bhliadhna 1835. Shuidhich iad ùine ghoirid an deigh sin air Rudha ’n Eilein, ’san Eilean Mhor. Sia bliadhn’ deug air fhichead air ais thainig i do Mhalagawatch, far an do choisinn i le ’beatha bheusach, le ’caoimhneas ’s le ’h-aoidhealachd meas agus cliù nan uile chuir eolas oirre. Bidh i air a h-ionndrain gu mor, ach tha i air a dhol maille ri Criosd, ni moran a’s fhearr na bhi ’san t-saoghal amhgharach so. Dh’ fhag i dithis mhac is nighean, sianar pheathraichean is dithis bhraithrean, a bharrachd air aireamh mhor chairdean air am bi mor dhuilichinn gu ’n deachaidh a gairm air falbh. FACLAIR GAILIG MHIC EACHUINN—Tha an leabhar so nis againn, agus ruigidh e iadsan a chuir ga ’iarraidh mu ’n aon am ’s a ruigeas an aireamh so dhe ’n phaipeir. Chosd an leabhar barrachd ’s a bha sinn an dùil, agus is fheudar a phris a chur suas gu dolair. Bidh iadsan a chuir 75c. ugainn cho math ’s gu ’n cuir iad air adhart an cairteal eile nuair ruigeas an leabhar. Tha ar stor ro-bheag airson na th’ againn de dh’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula a shealltainn gu ceart. Gluaisidh sinn do ’n stor mhor a th’ ann an TOGALACH MHIC GUAIRE air a cheud latha de Nobhember. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 73] [Vol. 11. No. 10. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, NOBHEMBER 14, 1902. No. 10. An Comunn Gaidhealach. BHA Mòd bliadhnail a’ chomuinn so air a chumail an Dundee air a’ chóigeamh la fichead de September. Bha Diùc Earraghàidheal air ceann a’ Mhòid, agus bha àireamh mhath cruinn á caochladh chearnan de ’n Ghàidhealtachd. Tha na paipeirean a’ toirt iomradh taitneach air a’ Mhòd so, agus ag ràdh gu ’n dug e bàrr air moran de na deich Mòid a bh’ ann roimhe. Bha cùnntas mor dhuaisean air an toirt seachad air-son seinn agus air-son sgriobhaidhean Gàilig, agus cha robh duais ann nach robh grunnan ga ’sireadh. Tha so na ’aobhar misnich, agus neartaichidh e ’n dòchas a th’ againn uile gu ’m bi an Comunn Gàidhealach ’s am Mòd na ’mheadhon air gràdh a’ Ghàidheil do chànain ’s do cheòl a dhùthcha a neartachadh, gus nach bi aon seach aon air an dearmad cho maslach ’s a bha iad roimhe so, ’s a tha iad eadhon gu ruige ’n t-àm so. Faodaidh e bhith gu bheil sinn tuilleadh is fad air falbh, agus nach eil na gloineachan troimh ’m bheil sinn ag amharc cho math fradharc ’s a b’ fheairde sinn, ach tha sinn gu mor dhe ’n bharail nach eil iadsan a tha air ceann a’ Chomuinn Ghàidhealaich cho eudmhor do thaobh na Gàilig ’s bu chòir dhaibh a bhith, no ma tha, nach eil an eud air a dheagh stiùradh; na ’m bitheadh, shaoileamaid gu ’n gabhadh an sluagh gu h-iomlan barrachd pàirt anns na Mòid. Am measg nam feadhnach a choisinn duaisean am bliadhna bha àireamh a choisinn na duaisean ceudna o bhliadhna gu bliadhna o’n chaidh an ceud Mhòd a chumail, agus ma ’s beò dhaibh bidh iad ’san t-suidheachadh cheudna air an ath bhliadhna. Bha fichead duais air an toirt seachad am bliadhna air-son bàrdachd is ròsg Gàilig, agus thug deichnear leotha an t-iomlan. Saoilidh sinn gu bheil so a nochdadh nach eil na Gàidheil mar shluagh a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd. Ni eile tha nochdadh sin mar an ceudna, gu bheil moran dhiùsan a tha ’cosnadh dhuaisean air-son seinn nach eil comasach air bruidhinn ann an Gàilig, ach a tha ’g ionnsachadh nan òran mar phioghaidean, gun mhoran tuigs’ ac’ air ciod tha iad a’ seinn. Air tàille sin tha na h-aon òrain—iad sin a’s usa ’n ionnsachadh—air an seinn cho tric ’s gu bheil muinntir nach eil eòlach air ceòl na Gàidhealtachd an impis a bhi creidsinn nach eil de dh’ òrain Ghàilig ann a’s fhiach an seinn ach “Ho ro, mo nigh’n donn bhòidheach,” “Fear a’ bhàta,” agus aon no dha eile. Bu chòir do na Gàidheil leasan a ghabhail bho na h-Eirionnaich mu ’n dòigh ’sam bheil iad a’ dol mu ath-bheothachadh an cainnt fein. Aig a Mhòd so chomhairlich an t-Ollamh Boyd, teachdaire bho ’n Chomunn Eirionnach, do na Gàidheil “gun iad a bhi ’cur an ìre dhaibh fein gu bheil an dleasnas coilionta nuair chuireas iad suas Deise Ghàidhealach, ach iad a thasgadh na Gàilig na ’n cridheachan, ’s i bhi daonnan air bhàrr na teang’ aca.” Tha muinntir na h-Eirinn a’ cur chomuinn air chois anns gach cearna dhe ’n dùthaich, mar sin a’ ruigheachd an t-sluaigh gu h-iomlan ’s a’ faotainn cothroim air am brosnachadh gu barrachd meas a ghabhail air an cainnt ’s gu meadhonan iomchuidh a chleachdadh a chum a cumail beò ’s a neartachadh. Tha iad a’ toirt fa-near, ma tha ’n t-seana chainnt ri ’cumail beò idir, gur iad an sluagh cumanta chumas beò i, agus ma theid i bàs na ’m measg-san gu ’m faigh i bàs gu tur. Ach air Gàidhealtachd na h-Alba, am feadh a tha moran gu dìleas agus gu dleasnach a’ saoithreachadh as leth cainnt an sinnsir, tha eagal oirnn gu bheil moran eile tha ’g altrum tuilleadh ’s a chòir de ’n spaglainn, muinntir a sgeadaicheas iad féin ann am féile-beag ’s am breacan ’s a theid gu bàl Gàidhealach no gu coinneamh aig am bi òraidean fileanta mu ’n Ghàilig air an labhairt ann am Beurla, agus an deigh sin a dheanamh a bhios làn chinnteach gur iad fein na gillean, ’s gu ’m bi ’Ghàilig suas am bruthach cho luath ’s a thig an ainmean a mach ’s na paipeirean-naigheachd. Aon ni dh’ fhaodadh an Comunn Gàidhealach a dheanamh gach bliadhna, na sgriobhaidhean ròsg is bàrdachd a choisinn duaisean aig a’ Mhòd a chur an clò ’s a chraobh-sgaoileadh. Anns an dòigh sin bhiodh an comunn air a dhlùthachadh ris an t-sluagh aig nach bi cothrom am Mòd a fhrithealadh, agus choisneadh iad an deagh-rùn, ni bu mhath a b’ fhiach an t-saothair ’s am beagan cosdais a bhiodh na lorg a dheanamh. Tha sinn an dòchas nach saoil neach sam bith gu bheil MAC-TALLA ’nochdadh naimhdeis do ’n Chomunn Ghàidhealach no a’ deanamh tàir air. Cha ’n eil idir. Tha aoibhneas oirnn a leithid de chomunn a bhi ann, ’s gu bheil tomhas math de shoirbheachadh leis; ach tha sinn a’ faicinn nach eil an soirbheachadh cho mor ’s a dh’ fhaodte dheanamh—gu ’n gabhadh e leasachadh ann an dòigh no dha—agus cha bu ghniomh càirdeil dhuinne sin fhaicinn is fuireach na ’r tosd. Mar tha ’n seanfhacal ag radh, “Is math an sgàthan sùil caraid.” Na Doukhobors. THA an sluagh so an dràsd a’ tarruing aire na dùthcha. Chaidh an toirt a nall á Ruisia o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, agus thugadh fearainn dhaibh ’san Iar-Thuath. Ann an Ruisia bha iad air an cumail fodha ’s air an geur-leanmhuinn gu h-an-iochdmhor, air chor ’s nach iongantach ged nach biodh iad ro-ullamh gu dòighean na dùthcha so ionnsachadh ’s a chur an cleachdadh, oir bha moran de na sochairean a bh’ air am buileachadh orra an so air an àicheadh dhaibh ’san dùthaich a dh’ fhàg iad. Tha iad na ’n daoine sìtheil, beusach, ’s na ’n deagh thuathanaich, agus cha robh coire sam bith ri fhaotainn dhaibh anns an Iar-Thuath fhad ’s a dh’ fhuirich iad ag àiteachadh nam fearann. Ach tha barailean neònach a’ faotainn àite na ’n cinn, agus o chionn ghoirid fhuair na barailean sin lamh-an-uachdar air cuid dhiù, agus tha iad aig an àm so a’ cur dragh nach beag air an Riaghladh. Dh’ fhalbh iad so na ’m buidhinn o’n dachaidhean, an deigh gach ainmhidh a bh’ aca leigeadh ma sgaoil, agus chuir iad an aghaidh air an àirde deas. Cha robh fhios aca càite ’n robh iad a’ dol, ach bha iad a’ creidsinn gu robh iad air an gluasad le spiorad o nèamh, agus gu robh obair mhor aca ri dheanamh an àit-eigin. Anns a’ cheud dol a mach cha do chuireadh na ’n aghaidh idir; chaidh maoir a chur na ’n cois do ’m bu dhleasnas fhaicinn nach fuilingeadh iad dìth no anastachd air tàille an amaideachd. Ach nuair thòisich reothadh is stoirmeannan a’ gheamhraidh, b’ fheudar atharrachadh dòigh a ghabhail dhaibh, agus d’ an ceart aindeoin an tilleadh dhachaidh. Aig àm sgrìobhaidh, cha ’n eil fhios dé tha na ’m beachd a dheanamh, fuireach aig an dachaidhean no falbh air turus eile. ’S e coibhneas is foighidinn a chleachdadh riutha an aon ni a’s fhearr agus a’s luaithe bheir orra suidheachadh. Cha deanadh a bhi cruaidh orra ach am brosnachadh gu tuilleadh oidhirpean dhe ’n t-seòrsa cheudna, agus o nach eil iad a’ deanamh cron no call air muinntir eile, ’s glice leigeil leis an ùbraid so dh’ éirich na ’m measg sìoladh as leatha féin. Turus nam Boerach. BHA mearachd bheag anns an iomradh ghoirid a thugadh ’san àireamh mu dheireadh air turus nam Boerach do thìr-mór na Roinn-Eòrpa. Cha d’ fhuair iad air tàille an turuis ach beagan a bharrachd air leth na suime a dh’ ainmicheadh. Fhuair iad gu léir mu choig ceud mìle dolair, ach bha còrr is leth sin air a chur cruinn am feadh a bha ’n cogadh a’ dol air adhart, air chor ’s nach robh aca air-son saothair an turuis so ach beagan a bharrachd air da cheud mìle dolair; ithidh cosdas an siubhail is nan coinneamhan a chum iad a chuid a’s motha dhe sin, agus cha bhi aca ri ’roinn air na Boerich an Africa mu dheas ach gann coig mile dolair! Tha so a’ toirt gu ’r cuimhne coinneamhan a bh’ aig Eirionnaich New York as leth nam Boerach an geamhradh an deigh do ’n chogadh tòiseachadh. Bha ’m pailteas airgid air a chur cruinn, ach bha cosdas nan coinneamhan ’s nan òraidichean cho fior mhor ’s nach robh ach beagan dholair air fhàgail air-son nam Boerach, agus cha chuala sinn riamh gu ’n deachaidh am beagan sin fhein a chur ga ’n ionnsuidh. Bha na Boerich mi-riaraichte leis an ullachadh a rinn Breatunn air an son aig àm deanamh na sìthe. Chaidh tri muillion punnd Sasunnach a chur air leth air-son an cuideachadh a’ stocachadh nam fearann. Tha mu dheich mile fichead teaghlach dhiù am feum cuideachaidh, agus bheireadh an t-suim so ceud punnd (mu chóig ceud dolair) do gach teaghlach. A réir seanachais an t-Seanalair DeWet, cha robh dhìth air a’ Bhoerach gu [TD 74] [Vol. 11. No. 10. p. 2] chur air a chasan a rithist ach feun is paidhir dhamh, agus shaoileamaid gu ’n deanadh ceud punnd Sasunnach sin a cheannach dha agus còrr cuibheasach fhàgail aige air-son ghoireasan eile. Ach bha na seanalairean eile de dh’ atharrachadh barail; bha iadsan ag radh nach deanadh eadhon mìle punnd mu choinneamh gach teaghlaich suas an call, agus gu ’m bu shuarach an gnothuch do Bhreatuinn a bhi tairgse ceud dhaibh. Air an aobhar sin chaidh iad g’ an gearain féin ris na dùthchannan a bha ’gabhail orra bhi càirdeil riutha an dùil gu ’m faigheadh iad uapa mar dhéirc na bha Breatunn a’ diùltadh mar chòir dhaibh. Agus an deigh dhaibh cosdas an turuis a phàidheadh, tha aca air tàille an saoithreach na bheir do na dh’ fhàg iad na ’n deigh cóig sentichean deug an teaghlach! Ionnsaichidh turus na baigeireachd so do na Boerich leasan air an robh iad feumach. Tuigidh iad co na càirdean a’s fhearr, sluagh a chogas riutha ’s nach lasaich gus an toir iad fo chìs iad, ach an deigh sin a dhéiligeas gu coibhneil, tròcaireach riutha, na iadsan a bhios ga ’n spreòdadh gu ceannairc ’s gu h-àrd-labhrach ga ’m moladh, ach nach tog lamh ga ’n cuideachadh, ’s nach builich de ’m pailteas fein orra na cheannaicheas tràth bidh dhaibh. Bidh fhios aig na Boerich na dheigh so, mur robh fhios aca roimhe, gur iadsan nach fosgail an sporan a’s mò a dh’ fhosglas am beul. CUISEAN NA CLEIRE—Tha coithional Aiseag Mhira an deigh gairm aontachail a chur dh’ ionnsuidh an Urr. Iain B. Mac-Fhionghain, an Dalhousie Mills, Ontario. Buinidh Mr. Mac-Fhionghain do Shrath-Lathuirn, C. B. Tha deagh dhòchas aig muinntir Mhira gu ’n gabh e ’n gairm.—Tha coithional na Mèinne Tuatha ’cur mu dheidhinn ministeir eil’ fhaotainn, gu bhi ’saoithreachadh mar cho-oibriche còmhladh ri Mr. Mac Gille-mhaoil.—Tha an t-Urr. Calum Caimbeul (C. C.) ri bhi ann am Port Hawkesbury fad a’ gheamhraidh, air do Mhr. Mac-Gilleain an coithional sin fhàgail.—Tha Strathalba, an coithional a dh’ fhàg Mr. Caimbeul, an deigh gairm a chur dh’ ionnsuidh Mhr. Mhic-Gilleain, a bha ’n Cnoc-na-h-Eaglais, an siorrachd Ghlinn-Garaidh, Ontario. Ghabh e an gairm, agus tha e ri bhi air a shuidheachadh an ùine ghoirid.—Tha an t-Urr. Calum N. Mac-Leòid, a bha ann am Baile nan Gall o chionn àireamh bhliadhnaichean, an deigh an coithional sin a leigeil uaithe. Tha sinn toilichte bhi faicinn na h-uiread de mhinisteirean òga Cheap Breatuinn a bhi faotainn ’s a’ gabhail ghairmean do ’n eilein ’san d’ fhuair iad an àrach. CIONTAICH AIR AN SAORADH—Ann an New York, seachduin gus an diugh, bha fear Molineaux, a bha ’sa phriosan o chionn cheithir bliadhna air-son mort, air a shaoradh leis an jury. An deigh a chur an greim an toiseach, chaidh ’fheuchainn, fhaotainn ciontach ’s binn bàis a thoirt a mach air, ach chuireadh a bhreth sin a thaobh, ’s a nise ’n ceann cheithir bliadhna tha e air a shaoradh. Ann an Lunnuinn, Ontario, bha fear Sifton, a bha ’n greim air-son ’athair fhéin a mhurt, air a shaoradh ’san dòigh cheudna, aig an dara cùirt an deigh bhi air fhaotainn ciontach aig a’ cheud té. Cha bhiodh e ceart a radh gu bheil na daoine so ciontach, ach faodar a radh le fìrinn na ’m bu daoine bochd’ iad gu ’n robh iad air an cur gu bàs an deigh an dìteadh aig a’ cheud chùirt. Ach bha ’m pailteas airgid aca; ’s tha e glé choltach gu bheil ’sna h-amannan so aon seòrsa ceartais ann do ’n duine bheairteach agus seors’ eile do ’n duine bhochd. Naigheachdan. SGEULA MULADACH—Di-sathuirne s’a chaidh, thainig fear Deòrsa Cunningham, a mhuinntir Bhoylston, an siorrachd Ghuysboro, dhachaidh á New Glasgow, ’s e dol a phòsadh maduinn Di-ciadain. Air a thurus ghabh e fuachd, ’s re na h-oidhche dh’ fhàs e tinn. Di-dòmhnaich bha e ni bu mhiosa, agus mu dheich uairean Di-luain chaochail e. Bha e air a thiodhlacadh madainn Di ciadain aig an uair a bha air a cur air leth airson a phòsaidh. CEARTAS AN DUINE DHUIBH—Ann an Carolina Tuath tha ceithir fichead is deich mile de dhaoine dubha aig am bheil còir bhòtaidh. Ach ’s ann tha ’chòir mar a chumar i. Tha an Stàid a’ cur chumhachan cruaidhe orra air chor ’s nach bi thairis air còig mile dhiubh do ’n urrainn bhòtadh. Air an dòigh so tha na daoine geala ’cumail srian an riaghlaidh na’n làmhan fein—anns an dùthaich ’sam bheil na h-uile dhaoine, a reir creud an àrd-riaghlaidh, “saor agus co-ionann.” Anns an dreuchd a leig Tarte dheth o chionn ghoirid chuireadh an t-Onorach Seumas Sutharlan, agus na ’aite-san, a bha roimhe so na Mhinisteir Mara ’s Iasgaich, chuireadh Raymond Prefontaine. Tha ’n Sutharlanach á Ontario agus Prefontaine á Montreal. Tha moran de na h-oibrichean a bha fo laimh Tharte air a chur a nis fo laimh Phrefontaine. Tha sin air a dheanamh a chum riarachadh a thoirt do mhuinntir Chuebec, nach robh toileach Ministeir nan Oibre Coitchionn a thaghadh á roinn sam bith eile. B’ ann aìg daoine á Cuebec a bha an dreuchd sin riamh o’n rinneadh an t-aonadh gu ruige so fhein. BREITH-LA AN RIGH—B’e Di-dòmhnaich s’a chaidh Breith-là Righ Iomhair, ach cha robh e air a chumail idir, no Di-luain ni bu mhò. Tha an latha ri bhi air a chumail air a’ choigeamh la fichead dhe ’n Mhàigh. Tha da aobhar air-son sin. A’ cheud aobhar, gur h-e ’n ceathramh la fichead de ’n Mhàigh breith-la Banrigh Victoria, ’s bha daoin’ air fàs cho cleachdte ri ’chumail ’s nach biodh iad a nis toileach a leigeadh seachad. An dara aobhar, nach eil an t-sìde am mios Nobhember gu bitheanta briagha, agus nach biodh e na àm ro-fhreagarrach air-son latha saor. Tha aobhar eile againn ann an Canada, gu bheil Latha Taingealachd air a chumail mu’n àm so, agus nach biodh e freagarrach an da latha bhi cho faisg air a chéile. DUILGHEADASAN AN RATHAD LAGHA—Is lionmhor na duilgheadasan, a tha ’san rathad air an lagh air-son stad a chur air creic stuth làidir. An uiridh chaidh fear-cumail taigh-òil an Glace Bay a chur do ’n tigh-obrach air-son mionnan-eithich. Ann an Sidni Tuath, tha fear dhe ’n cheaird cheudna air a chur do ’n Chùirt Mhoir air-son ionnsuidh a thoirt air fear de mhaoir a’ bhaile bhrìbeadh. Agus ann an Dominion, bha Iain Domhnullach, fear-ceartais a bha ’feuchainn chàsan Scott Act, air a leth-mharbhadh faisg air a dhachaidh fhein ’s air fhàgail air an làr a mach gus an do thachair do chuid-eigin a bha ’gabhail an rathaid fhaotainn. Chaidh na bha dh’ airgiod air a shiubhal, seachd dolair, a thoirt uaithe. Cha’n eil fhios co rinn an gniomh, ach tha amharus làidir gu robh lamh aig luchd nan tighean-òil ann. MUIRT UAMHASACH—Chaidh àireamh de mhuirt a chur an gniomh ann an Cambridge, Mass., re an t-samhraidh ’s an fhoghair so ’chaidh, agus gu ruige so cha d’ fhuaireadh mach có tha ciontach. O chionn beagan is mios bha nighean á Sidni Tuath, Agnes Nic-a-Phi, air a faotainn marbh, agus air a cheud latha dhe ’n mhios so, chaidh Clara Mhorton, a Halifacs, a leònadh cho dona ’s gu ’n do chaochail i feasgar an ath latha. Is ise an t-ochdamh pearsa chaidh a chur a dhìth mar so, agus bha iad uile air an leònadh ’san aon dòigh, le buille ’sa cheann, air chor ’s gu bheileas a’ deanamh cinnteach gu’m b’ e ’n aon duine bha riutha. Bha fear Uilleam Mason air a ghlacadh o chionn ghoirid air amharus, ach cha robh fianuis làidir na aghaidh, agus leigeadh ma sgaoil e. Thatar a’ deanamh mach gu robh e as a chéill; bha e ann an tigh caothaich da thurus, agus b’ ann air a’ bhonn sin a bhatar a’ feuchainn ri dhìteadh. Tha a nis duine dubh anns a’ phriosan aca; leagadh amharus airsan a thaobh e chreic uaireadair a bhuineadh do aon de ’n fheadhain a chaidh a mhurt. BAS AN DARA BRATHAIR—Chaidh Iomhar Fox a mharbhadh ann am Port Hastings seachduin gus an Di-màirt s’a chaidh. Thuit e bhar ceidhe ’ghuail, air an robh e ’g obair, agus bha e air a ghrad mharbhadh. Bha e leth-cheud is tri bliadhna dh’ aois, agus gun bhi pòsda. Bha a bhràthair, Domhnull Fox, air a bhàthadh faisg air an àite cheudna air an t-siathamh la deug de October, agus b’ e so a cheud latha chaidh esan a dh’ obair an deigh a bhàis. TEINE ANN AN ST. PIERRE—Oidhche Di-sathuirne, a’ cheud latha dhe ’n mhios, bha teine mor ann am baile St. Pierre. Bha a chuid bu mhotha ’s a b’ fhearr dhe ’n bhaile air a losgadh gu tur. Bha tigh-còmhnuidh an riaghladair ’s tighean an Riaghlaidh, tigh na cùrtach, an Eaglais Chaitliceach, na tighean-sgoile agus àireamh de thogalaichean eile air an losgadh. Tha an call air a mheas aig da cheud mile dolair. Cha d’ rinneadh call beatha sam bith. Thòisich an teine anns an eaglais, agus bha e air fhadadh le duine daoraich. TEINE AM MALAGAWATCH—Chaidh an sabhal aig an Urr. Iain Ròs, ministeir a’ pharraiste so, a losgadh gu làr oidhche Di-haoine s’a chaidh. Bha each, tri mairt, carbad, sleighe, ’s acuinn, agus feur a gheamhraidh air an losgadh, a bharrachd air moran de nithean beaga. Thatar a’ deanamh dheth gu ’n d’ aobharaicheadh an teine le cloinn bhig a bhi ’laimhseachadh mhaidsichean. Bha e air faighinn cho fad air adhart nuair thugadh fa-near dha ’s nach robh comas air a chur as, no air ni dhe na bh’ anns an t-sabhal a shàbhaladh. TIGHEAN-SGOILE FAS—Thatar ag radh gu bheil ann an cearn àraidh de shiorrachd Inbhirnis an cuairt ochd mile, deich tighean-sgoile anns nach eil sgoil air a’ gheamhradh so, agus tha e ri chreidsinn gu bheil àiteachan eile air feadh an eilein mu ’m bheil an sgeul ceudna fior. Tha e na ghnothuch muladach na tighean-sgoile bhi dùinte, ach faodar a’ choire gu h-iomlan a ceur air lughad an tuarasdail a thatar a’ pàigheadh do luchd-teagaisg. Cha ’n eil ach neach amneamh dol a chosd ’ùine cumail sgoile nuair gheibh e tuarasdal ni ’s fhearr aig ceird sam bith eile. SGIORRADH AN NEW YORK—Oidhche ’n taghaidh, am feadh a bha moran sluaigh cruinn an New York a’ deanamh gàirdeachais, spraidh obair-theine leis an robh iad a soillseachadh an adhair, agus bha deichnear air an grad mharbhadh ’s moran eile air an leònadh. Chaidh an sluaigh air bhoil, agus a’ feuchainn ri teicheadh, chaidh moran eile ghoirteachadh. Thatar a’ meas gu bheil àireamh na muinntir a chaidh a ghoirteachadh uile gu leir cho àrd ri ceud. Tha iadsan a bha ris an obair-theine air an cur an greim, agus ma gheibh an lagh cùrsa reidh, theid am peanasachadh gu cruaidh, oir bha iad gun teagamh ciontach ann a bhi cho mi-fhaicilleach mu na nithean cunnartach a bha iad a laimhseachadh. Naigheachdan Gaidhealach. (Oban Times). COINNEACHADH NA PARLAMAID. Bidh an seisein goirid so ainmeil ann an eachdraidh ar dùthaich. A thaobh teagasg na h-òige ann an Sasunn dh’ éirich boile anabarrach an aghaidh a’ “Bhill” a tha an t-Ard-Riaghladh ag iarraidh a bhi air a dheanadh ’na Achd Pàrlamaid. Ma thig so gu crìch bidh strì mhòr feadh nan Sasunnach a chionn nach ceadaich an coguisean dhoibh a bhi pàidheadh air son teagasgan àraidh a tha ’nam breithneachadhsan an aghaidh nan Sgriobtur. Ciod air bith na beachdan a bhios aig muinntir mu’n chùis so, tha e soilleir nach bi a’ choguis Shasunnach air a h-éigneachadh gun a bhi toirt trioblaid ’an lorg a’ cheum. ’Se gné an achd so gu’m biodh na cìsean a’ pàidheadh air son nan sgoilean a tha fo riaghladh na h-Eaglais Shasunnaich ás eugmhais uachdranachd nam feadhainn a tha a’ faotainn an airgid. Cha ’n ’eil sinn a’ dol a steach anns a’ chonnspoid so ni ’s mò na a ràdh agus a bhi ’g ìnnseadh do shluagh na Gàidhealtachd gu’m bheil dleasdanas f’ an comhairsan mar tha fa chomhair muinntir Shasuinn. Ciod air bith a thachras cha chrìoch- [TD 75] [Vol. 11. No. 10. p. 3] naich an strì no an trioblaid ann an latha no dhà; agus tha so duilich, a chionn nach ’eil e ciallach no gràdhach do dhaoine cneasda a bhi an aghaidh a chéile mu chùisean creidimh. Bidh gu leòir aig a’ Phàrlamaid r’a dheanamh ’nuair a choinnicheas i gu goirid. IASGACH AN SASUNN. Air taobh sear Shasuinn tha iasgach math air a dheanamh ’sna làithibh so, agus prìsean math air am faotainn. Tha sinn ag iomradh air a so a chionn gu’n deachaidh ceudan de bhàtan a Albainn do Shasunn a ghiùlan air aghaidh iasgach an sgadain. Bha soirbheachadh math le cuid diubh. Bha aon bhàta á Banff air an t-seachdain a dh’ fhalbh a thug a stigh aon mhadainn luach còrr ceud agus fichead punnd Sasunnach. ’S ann o cheann ghoirid a thòisich na h-Albannaich air dol gu taobh sear Shasuinn air son an iasgaich: agus tha e ’na thlachd leinn a bhi toirt fainear gu ’m bheil iad mar so a’ nochdadh tuigse is misneachd a tha ro ionmholta. C’ar son nach rachadh iad do gach ceàrn anns am faigheadh iad beòshlaint? Tha na puirt ud gus an deachaidh iad ainmeil ann an Sasunn, Grimsby agus Yarmouth, as am bheil mòran de iasgairean tapaidh o’n dara ceann gus a’ cheann eile de’n bhliadhna a’ dol a mach do’n chuan tuath an déigh an éisg. ’S ann o na h-iasgairean so a tha tomhas mòr de’n bhiadh so a’ dol do Lunnuinn far am faighear iasg às gach ceàrn aig aon àm no àm eile de’n bhliadhna. An déigh nan iasgairean chaidh àireamh mhòr de chaileagan Albannach do Shasunn. Bidh an càirdean toilichte a bhi cluinntinn gu’m bheil cùram mòr air a ghabhail às an déighsan le mnathan agus daoine diadhaidh. SPREIDH NA DUTHCHA. Tha na paipeirean naigheachd a’ toirt cùnntas dhuinn air na bheil de spréidh anns an dùthaich aig an àm so de’n bhliadhna. Tha an àireamh de chrodh mòran na’s lugha na bha againn an uiridh. Tha dà cheud mìle na’s lugha ann an Sasunn; barrachd is fichead mìle na’s lugha ann an Wales, agus còrr is seachd mìle ni’s lugha ann an Albainn. A thaobh nan caorach tha an àireamh leth muillein ni ’s lugha na bh’ ann air a’ bhliadhna a dh’ fhalbh. Ann an Albainn tha àireamh nan caorach aon cheud agus dha dheug air fhichead de mhìltean ni’s lugha. Gheibhear an Earaghàidheal féin dà mhìle air fhichead ni’s lugha, an Ionar-nis aon mhìle air fhichead, agus an siorrachd Rois seachd air fhichead de mhìltean. Tha còrr is seachd muillein caora ann an Albainn an diugh, agus mu dhà uiread so ann an Sasunn. Tha ach beag muillein ann an Earaghàidheal féin, seachd ceud mìle am Peairt, agus còrr is leth muillein ann an Ionar-Nis. Tha e glé shoilleir o so gu’m feudadh biadh a bhi air fhaotainn air son an duine far am bheil biadh gu leòir airson an àireamh mhòr so de chaoraich. Anns na làithean a dh’ fhalbh ’se a’ chaora a sgiùrrs mòran de ar càirdean ás an dùthaich féin fo bhuaidh laghan eucorach; ach tha dòchas gu’n do stad an obair ud a bha an aghaidh laghan nàduir agus an Tighearna. Ach thigeadh do na Gàidheil a nis feum math a dheanamh de na cothroman a tha aca a thaobh a bhi ’g àiteachadh gu gleusda an fhearainn a tha nis cho saor fo am buinn. Facal a L’Ardoise. A DHEAGH CHARAID,—Tha mi toilichte gu bheil na “seann eòlaich” a fliucheadh na h-ite aon uair eile, ’s a cur sgrìobagan gasda gu MAC-TALLA. Their mi, sùil mu ’n t-sròin, ri “Ceann Liath,” gur ann bu chòir dha nàir a bhi air air-son cho dearmadach ’sa tha e air a bhi sgrìobhadh ’sa Ghàilig. B’ fhearr leamsa gu ’n laimhsichinn peann Gàilig cho math ris, is cha bhithinn cho leisg gu litir a sgriobhadh ’sa tha esan. Ach ’s fhearr a bhi anmoch na gun tighinn idir. Buaidh is piseach air laimh ùghdair “Iain Mór nan Ord!” Gun tàir a thoirt do ’n sgeulachd eile, ’s i ’b’ fhearr a chòrd rium a chunnaic mi ’sa MHAC-TALLA fhathast. ’S truagh nach robh beagan eile de leithidean “Iain Mhóir” ann, agus leithid Seumas N. Mac Fhionghain gus an eachdraidh a chur sios. ’S duilich leam nach ’eil guth aig MAC-TALLA air taghal oirnn a h-uile seachduin mar bu nòs. Ach cleas an eich ghlais an dorus an stabuill, bidh sinn a feitheamh ’s ag éisdeachd. Tha mi ’feitheamh gun pris a phaipear a chur ugad an earbsa gu ’m faigh mi fear no dha a chuireas dolar air adhart cuide rium. Na ’m fiachadh a h-uile fear-gabhail ’tha aig MAC-TALLA ri gabhaltach ùr fhaighinn shaoilinn gu ’m bitheadh e suas am bruthach, agus a mach na h-uile seachdain. Le cunntais nam paipeirean-naigheachd tha Gaidheil na h-Eirinn fada air thoiseach air Gaidheil na h-Alba ann an dilseachd do ’n canain. ’S mi do charaide, COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS. Lower L’Ardoise, Oct. 28, 1902. Litir a Ontario. Cha chuimhne leam c’uin a sgriobh mi mu dheireadh. Ach coma co dhiubh cha ’n ’eil feum anns na leisgeulan; oir cha ’n ’eil ann ach a bhi deanamh breug air-son té eile a mhùchadh. Agus a nis, air-son ainm “Baile-na-prìs” a chumail suas, tha mi cur romham an litir so a chriochnachadh ged a bhiodh e aon uair ’sa mhaduinn mu ’m biodh i deas. Dh’ fhalbh an samhradh ’s am foghar, agus tha nis fuaim na gaoithe tuath ’g innse dhuinn nach ’eil an geamhradh fad air falbh. Tha ’n duilleach air tuiteam far nan craobh, agus tha ’n àilleachd anns an robh a choille air a comhdachadh ré na miosan a chaidh seachad air seargadh as, agus tha sin a leigeil ris duinn gu bheil sinn mar na craobhan. Nuair tha duine òg tha e mar chraobh uaine a leigeas fhaicinn a maise nuair tha i air a còmhdachadh le duilleach gorm ’san t-samhradh bhlàth. Ach nuair tha foghar fuar na h-aois a tigh’n air, tha e mar an duilleach a seargadh as, gus mu dheireadh an tuit e chum a bhi air a chur as an t-sealladh. Bha ’m foghar agus an samhradh gle fhliuch againn ’san àite so, agus cha robh e soirbh am bàrr fhaotainn a stigh tioram, ach fhuair sinn a chur cruinn gle mhath agus an deagh òrdugh. Bha am bàrr trom air a bhliadhna so, agus tha e gle dhuilich muileann-bualaidh fhaotainn gun fheitheamh ùine mhor. Tha ’n gràn car aotrom seach mar bha e ’n uiridh; agus tha pris bheag mar an ceudna air coirce—cha ’n ’eil e ach 26c. agus 27c. am buiseal; cruithneachd, 65c. am buiseal; agus peasair 65c. am buiseal. Tha ’m feur a creic air coig is sia dolair an tunna. Tha ’n grodadh ’sa bhuntàta gu dona, ach cha ’n ’eil aobhar gearain againn—tha leth dheth gu saibhir, math. Tha prìsean gle mhath air crodh ’s air caoraich agus mucan. Tha gu leor de gach seòrsa againn ’san àite so, agus ri sheachnadh. Cha do ràinig “strike” a ghual sinn, ged tha ’n connadh na ’s daoire na bha e ’n uiridh. Tha ’n obair mhor “cement” ann am baile Durham gus a bhi deiseil. Chosd i corr agus muillion dolair cheana. Tha e air a radh nach ’eil obair da leithid cho mor ’san dùthaich uile gu léir. Tha Ghàilig air a cumail beò ’san àite so gle mhath. Tha barrachd a tighinn ga h-éisdeachd air Di-dòmhnaich ’san eaglais ’s a b’ àbhaist. Bha ’n comanachadh air a fhrithealadh san eaglais Chléireach fo cheann seachduin, agus shuidh còrr agus da fhichead aig a bhòrd Ghàilig. Tha ’m ministeir, Mr. Mathanach, a tighinn air adhart gu math ’sa chànain sin. Bha moran tinneas agus bàis anns an àite so air an t-samhradh so. Bha Mr. Mathanach, ré na ceithir bliadhna tha e an so, aig ceithir fichead agus cóig de thòrraidhean—moran diubh sin nan daoine agus nam mnathan gun bhi robh shean. Bha ’n fhéill bhliadhnail againn anns a bhaile so o chionn beagan làithean, agus bha i air a cumail gu math. Bha duine a tha na ’chleasaiche aig a choncert san oidhche, agus bha gu leor ann a bu bhòidhche na e, oir tha e air a bheul a chur á cumadh le bhi ’g ailis air gach seòrsa dhaoine. Bha Pàdruig Mac Artair ann le pìob mhor nan dos àrda, agus thug e ceòl binn seachad. Cha ’n ’eil ach mu bhliadhna o’n a thòisich e air seinn na pioba, agus cha mhor phiobairean is fhearr na e cheana. Feumaidh nach ’eil Bodachan a’ Ghàraidh beò, o nach ’eil sinn a cluinntinn uaithe na ’s trice. Tha mi smaointean gur e ’n ceartas dhomh a nis stad, air eagal nach bi àite ’sa MHAC-TALLA do m’ litir uile àig aon àm. Thuirt mi an àiteigin o’n a thòisich mi gun criochnaichinn an litir so mu ’n deighinn a chadal, agus leis a sin feumaidh mi bhi sgur, oir tha ’n t-àm aig gach neach a bhi na ’n suain roimh so. Slàn leis gach leughadair, agus gu sònruichte fear deasachaidh MHIC-TALLA. Is mi ’ur caraid, IAIN MAC ’ILLEASBUIG. Priceville, Oct. 22, 1902. Leabhraichean Ura. DAIN AGUS ORAIN LE ALASDAIR MAC-FHIONGHAIN.—Tha an leabhar beag so air a dheanamh deas leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Gheibhear ann na tha air faotainn de shaothair a’ bhàird, agus gach rann is sreath air an ceartachadh, mar is math is aithne dhàsan a bha ris a dheanamh. Bha Alasdair Mac-Fhionghain ainmeil mar bhàrd cogaidh; ann am barail Mhr. Sinclair, cha toirear bàrr air le bàrd Breatunnach sam bith, an Gàilig no ’m Beurla, ann an toirt iomradh làn, mionaideach air stri nan lann, agus tha na h-òrain a rinn e mu bhlàir fad os cionn nan òran a rinn e mu nithean eile. Tha sinn toilichte an leabhar so fhaicinn an clò, agus taingeil gu robh aon de luchd-cinnidh a bhàird ’san t-seann dùthaich cho dleasnach ’s gu ’n do phàidh e cosdas a’ chlòbhualaidh. Is e so an dara leabhar deug a chuireadh a mach le Mr. Sinclair. Tha leabhar eile deas aige air-son a chur an clò, agus b’ ionmholta ’n gnothuch do bheagan de Ghàidheil bheartach Chanada an cinn a chur cuideachd ’s an cosdas a sheasamh. Mur deanar sin, tha eagal oirnn nach tig an leabhar a mach, oir tha Mr. Sinclair air moran airgeid a chosd cheana ’cur a mach leabhraichean Gàilig, ’s cha n eil na chomas an còrr a dheanamh. Cha ’n eil e na ’theisteas ro-mhath air dìlseachd nan Gàidheal d’ an cainnt ’s d’ an litreachas fein nach deachaidh moran leabhraichean Gàilig a chur a mach riamh gun chall do na h-ùghdair. Gheibhear leabhar Mhic-Fhionghain bho Mr. Sinclair féin á Belfast, P. E. I., air 35c., saor leis a’ phosta. GRAMAR GAILIG MHIC-ILLE-RUAIDH.—Bha an gràmar so air a chur a mach an toiseach ’sa bhliadhna 1895. Chaidh an t-iomlan de ’n chlò-bhualadh sin a chreic, agus a nis tha ’n leabhar air a chur a mach as ùr. Tha Mac-Ille-Ruaidh o chionn àireamh bhliadhnaichean na ’fhear-teagaisg Gàilig an Ard-Sgoil Ghlascho, agus tha ’n gràmar so air a sgriobhadh air an t-seòl air an robh e ’teagasg re na h-ùine sin. Tha ’n reic a fhuair an leabhar a’ sealltuinn gu ’n do thaitinn e ri luchd-foghluim na Gàilig, ’s gu bheilear ga ’fhaotainn feumail ann am meudachadh eòlas is tuigse cheart air a’ chainnt sin. Gheibhear an leabhar air 1s. 6d. bho Archibald Sinclair, 47 Waterloo Street, Glasgow, Scotland. [TD 76] [Vol. 11. No. 10. p. 4] FASACH ARABIA. CHA ’n urrainn sinn eachdraidh gach dosguinn agus cruaidh-chàs a ta luchd-turuis a’ coinneachadh ann am fàsach tartmhor Arabia a leughadh gun na smuaintean is tiamhaidh a mhosgladh anns a’ chridhe is cruaidhe. Tha, ma dh’ fhaoidteadh, iomadh neach aig nach ’eil fiosrachadh air na cunnartan lionmhor, agus bàs fadalach, cràiteach a dh’ fhuiling iomadh d’ ar co-chreutairean ann an siubhal troimh mhachraichean teinnteach na dùthcha sin. Tha luchd-àiteachaidh na dùthcha so air an cleachdadh ri tomhas cuimseach de fhuachd agus de theas, far a’ bheil an t-sùil air a riarachadh le bhi faicinn gach glaic agus gleann air an còmhdachadh le luibhean agus craobhan a’ fàs suas gu dosrach, àrd, agus na machraichean air an éideadh le lionmhorachd de bhlàithean bòidheach, a’ sgaoileadh àilleachd air gach làimh, agus aibhnichean a’ siubhal gu ciùin, sèimh troimh chomhnardan farsuing, réidh, agus gur gann is urrainn doibh ruigheachd air beachdan iomchuidh air na dùthchannan sin a tha fo ghréin loisgeach na h-àird-an-ear. Tha fàsach Bheersheba, air eirthir na Fairge Ruaidhe, san ear-thuath, a réir cùnntais luchd-turuis, ’na chòmhnard farsuing, fàs, far nach ’eil luchd-àiteachaidh r’ an coinneachadh o cheann gu ceann deth. Cha ’n urrainnear a choiseachd trid an rathaid is aithghiorra ann an ùine ’s lugha na da fhichead latha; agus tha na cearnan so cho garbh ’s cho neo-àitichte agus gur h-ann a tha iad mar gu ’n robh an tìr fhàsail so air a toirt thairis gu neo-thoraichead shìorruidh. Roimh fad agus leud an dìthreabh fharsuing so gu h-iomlan, cha ’n ’eil duilleag de fheur uaine r’a fhaicinn, cha ’n ’eil guth beò-chreutair r’a chluinntinn; agus mur h-ann air son cuid de luibhean cruadalach a tha r’ am faicinn an sud ’s an so, mar tha ’n tamarind agus acasia, a’ daingneachadh am freumhan ann an sgoltaibh nan creag, agus air an uisgeachadh le driùchd na h-oidhche, ’s ann a cho-dhùineamaid gur h-i th’ annan so dùthaich far a’ bheil Nàdur fo ghlais an éig. Is faoin do ’n fhear-thuruis airsneulach dùil a bhi aige gu ’m foisich a shùil air ionad àillidh sam bith far am faod e ruigheachd air sgàil agus dìdeann o ghathan loisgeach na gréine ’nuair tha i an àirde nan speur. Tha e a’ dlùth-leantuinn air aghart o latha gu latha, o mhaduinn gu feasgar, air an astar bhuan aonaranach so, gun ni r’a fhaicinn ach aon dìthreabh fharsuing neo-àitichte; cas-chreagan corrach àrd ag éiridh a suas air gach làimh; a’ ghainmheach dhealrach air a teasachadh mar ghrìosaich le gathan loisgeach na gréine ’nuair tha i a’ dealrachadh ’na làn neart. Tha e gu bitheanta ro-chunnartach siubhal troimh ’n fhàsach oillteil so, o ainniseachd gach ni tha feumail chum cumail suas beatha agus neart luchd-turuis; agus ged tha gach ullmhachadh freagarrach air a dheanamh, agus ged tha ’n cleachdadh a bhi ’gabhail an astair so ’nam buidhnean lionmhor, a’ toirt cothrom air a chéile a chuideachadh, ’s ainmic tha ’n turus air a chriochnachadh a dh-easbhuidh air mor challdachd agus dosguinn fhulang. De gach tuiteamas d’a bheil luchd-turuis buailteach ’s na tìribh loisgeach so, cha ’n ’eil sgiorradh no cunnart an coimeas ri easbhuidh an uisge; agus de gach ni tha feumail do luchd-turuis a’ siubhal troimh nan criochan so, cha ’n ’eil ni cho neo-sheachanta do ’n fhear-thuruis an àm siubhal troimh ’n fhàsach so. Tha ’n t-uisge air a ghiùlan ann an searragaibh leathraich, agus a chionn gu bheil e ’na ni cudthromach fiosrachadh a dheanamh mu na cearna ’sa bheil na tobraichean uisge, a tha gu bitheanta fior ghann, tha ’n luchd-turuis a’ deanamh air na tobraichean so chum an searragan a lionadh o àm gu h-àm. Ach ’s iomadh dosguinn agus cunnart a dh’ fheumas am fear-turuis a choinneachadh mu ’n ruig e ’n tobar: agus a thaobh àireamh nan tobraichean so, tha luchd-turuis a shiubhail na cearna-sa ag innseadh nach d’ fhiosraich iad ach ceithir dhiubh so ann an astar cheithir, shia agus eadhon ochd làithean o chéile; agus a bhàrr air a’ chunnart tha ’g éiridh o sheacharan uapa so, ni a tha gu minic a’ tachairt ann an dìthreabhan fàsail, far an ainmic an coinnich sinn slighe no frith-rathad; agus tha e gu minic a’ tachairt do luchd-turuis an déigh an dìchill agus an t-saothair bu mhò chum amas air aon de na tobraichean so, gu ’n d’ fhuair iad iad air an tachdadh suas le gaineimh, no gu bheil iad làn uisge air blas an t-saluinn o na leapannan pronnuisg, no de shalunn, air uachdar a’ bheil iad so a’ ruith, ni a tha a’ meudachadh, an àite tart an fhir-thuruis a lughdachadh; agus an sin faodar an sealladh is oillteile agus is cràitiche fhaicinn, ìotmhorachd an fhir-thuruis a’ teachd gu àirde do-ghiùlainte. Tha ’n tartmhorachd do-chasgaidh so ag éiridh o dhian theas na h-iarmailt, agus o’n ghaineimh loisgich a th’ air gach laimh. Tha nis dian-chrithneachadh air seilbh fhaotainn anns gach ball de ’n chorp; tha piantan do-fhulang air fhaireachadh ’sa chraicionn—tha na sùilean a’ fàs mar bhuill de fhuil chlodach thiugh. Tha duilgheadas faicinn agus cluinntinn air tòiseachadh—tha call comas labhairt, agus piantan neo-chumanta san sgòrnan, a’ sior dhol am meud gach uair. Tha na fulangasan so uile a’ nochdadh gu bheil an corp gu h-iomlan as òrdugh, agus a’ toirt air aghaidh laigsinn agus cion mothuchaidh; agus fadheòidh a’ toirt air an fhear-thuruis thruagh, an déigh iomadh oidhirp fhaoin, luidhe sios air a’ ghaineimh theinntich a tha mar ghrìosaich theth fo ’chasaibh. Ann an leithid so de chruaidh-chàs tha e air aithris gu ’n robh coig ceud dolar air an toirt air son làn-beòil de ’n uisge fhuar, chum fionnarachadh na teanga. Ann an leithid so de chàs muladach, truagh, cha ’n ’eil eadar-dhealachadh eadar am maighstir agus an tràill; agus a chionn gu bheil féin-dhìonadh ann an àm cunnairt a’ dol os ceann gach gnè sam bith tha ’nar nàdur ’nuair tha neach a’ luidhe sìos a dh’ fhulang a’ bhàis is uamhasaiche, tha a chompanaich, ciod air bith an co-thruas a dh’ fhaodas a bhi aca ris, air an éigneachadh gu dol air an aghaidh, agus fhàgail gus am bàs is pianaile agus is fadalaiche fhulang. Cia cianail os ceann cainnte neach a bhi mar so air fhàgail le ’cho-luchd-turuis gu dol bàs ann am fàsach cian farsuing, gun neach aig laimh g’a chuideachadh, gun charaid dlùth dha gu sanas a’ cho-mhothuchaidh a chagar ’na chluais, no eadhon gu aon bhoinne de ’n uisge fhuar a thaomadh air a bhilean a tha ’losgadh le tart. Cha ’n ’eil mac-talla a’ freagradh d’a ghlaodh. Tha e nis ’na luidhe sios an sin ’na allabanach truagh—tha ceò a’ bhàis a’ tighinn air a shealladh—tuainealaich agus breisleach mu ’cheann—a’ bruadar a bhi ’cluinntinn torman nan eas, a’ smuainteachadh gu bheil e a’ siubhal an cois bruachan na h-aibhne far a’ bheil na luibhean agus blàthan is àillidh a’ togail an ceann, agus e féin a’ cromadh sìos gu làn a bheòil fhaotainn do ’n uisge a chasgadh ’ìota. Ach feuch a nis e a’ dùsgadh le criothnachadh oillteil anns gach ball d’a chorp, gu fiosrachadh fhaotainn air cunnart agus truaighe a staid—fear-fògairt truagh air a thréigsinn, a’ dol bàs le tart ann am meadhon fàsaich ghaineimh thartmhor, theth. Faodaidh an sgeula gearr a leanas am barrachd fiosrachaidh a thoirt dhuinn mu chor muladach a leithid so de neach. Bha cóignear cheannaichean aon uair a’ gabhail an rathaid o Bherber do ’n Eiphit, le mu thimchioll deich-ar-fhichead de thràillean, agus àireamh lionmhor do chàmhalan; agus air dhaibh fiosrachadh fhaotainn gu robh feall-fhalach gu bhi air an cionn le buidhinn lionmhor de luchd-reubainn, aig aon àraidh de na tobraichean uisge air an t-slighe bha iad gu gabhail, rùnaich iad gu ’n atharraicheadh iad an cùrsa na b’ fhaide chum na h-àirde ’n ear a dh’ ionnsuidh tobar eile bha cho measail aig luchd-turuis ris an aon a sheachain iad. Chuir iad iad-fhéin fo sheòladh fir-iùil ro dhìleas agus eòlach; ach a chionn nach robh an rathad a ghabh iad ach ainmic air a thaghal, chaidh iad an ùine ghearr air seacharan o’n t-slighe cheart, agus ré chóig làithibh cha b’ urrainn daibh fhiosrachadh c’àite ’n robh iad. Bha nis tomhas de ’n uisge bh’ aca air caitheamh, ach mar a bha ’n uireasbhuidhean a’ dol am meud chuir iad romhpa gu ’n stiùradh iad an cùrsa gu àird dol fodha na gréine, ann an dòchas gu ’n ruigeadh iad fadheòidh an abhuinn Nile. An déigh dhaibh goin is pian a’ phathaidh fhulang tre àireamh de làithean, bhàsaich cóig-fir-dheug de na tràillean, agus dithis de na ceannaichean. Air do aon de shealbhadairean nan càmhal a smuainteachadh gu ’m faodadh na h-ainmhidhean le ’n gliocas agus an t-seòltachd nàdurra tha aca, bhi na bu shealbhaiche na ’m maighstirean ann am faotainn a mach an àite san robh an tobar, dh’ iarr e air aon d’a chompanaich a cheangal gu cruaidh ri diollaid an aoin bu làidire de na càmhalan, agus an sin leig e leis an ainmhidh a ghiùlan ge b’ e àird a b’ àill leis; ach cha chualas riamh an déigh sin sgeula mu ’n chàmhal no mu ’maighstir. Air dhaibh a bhi nis air teachd gu bhi ’nam buidhinn bhig, thàinig iad an sealladh beanntaibh Shigne, a dh’ aithnich iad, agus far an robh fios aca gu ’m biodh iad cinnteach uisge fhaotainn; ach bha iad a nis air fàs cho lag le sgìos agus uireasbhuidh, ’s nach robh e an comas daoine no ainmhidhean dol na b’ fhaide. Air dhaibh iad fhéin a leigeil sios aig bonn creig mhóir far am faodadh iad ruigheachd air sgàil agus dìon o’n teas agus gach dosguinn fo ’n robh iad a’ fulang, chuir iad dithis sheirbhiseach uatha le dithis de na càmhalan bu treise bha nis air am fàgail aca, a dh’ iarraidh uisge; gidheadh cha b’ fhada chaidh na teachdairean air an aghart ’nuair a thuit fear dhiubh sios air an talamh le dearbh laigsinn, agus neo-chomasach air labhairt; ach smèid e air a chompanach le ’làimh e g’a fhàgail agus teachd air ais d’a ionnsuidh le uisge cho luath ’s a dh’ fhaodadh e; ach mheudaich a laigse agus ’anacomas cho mor leis an tart agus gu ’n d’ thàinig a nis doilleireachd air a fhradharc, agus chaill e ’n rathad, ged a bha e ro-eòlach mu ’n àite san robh an tobar. Air dha nis a bhi fada dol air seacharan dh’ amais e air craoibh, agus luidh e sios fuidh a sgàil, agus cheangail e ’n càmhal ri aon do na geugan; ach air do ’n ainmhidh mhi-fhoighidneach àile an uisge a mhothuchadh bhrist e ’n t-aghastar, agus sgìth mar a bha e, ruith e as le luathas an fhéidh rathad an tobair, a bha mu thimchioll astar leth-uair an uaireadair uaithe. Thuig an seirbhiseach gu ro-mhath cia ionnsuidh a bha ’n càmhal a’ triall, agus chaidh e ’na déigh, ach an déigh dha dol air aghart mu cheud slat, thuit e sios air an làr, fann, sgìth, agus luidh e ’n sin ré ùine fhada, gun sùil ri ni sam bith ach am bàs, ’nuair a sheòl am Freasdal neach o choimhearsnachd an àite sin a chrath beagan uisge air aodann an duine thruaigh a bha nis mu thimchioll toirt suas an deò, ach cha b’ fhada gus an d’ ath-bheothaich e. Chaidh iad an sin le chéile dh’ ionnsuidh an tobair, agus an déigh dhaibh uiread de na searragan leathraich [TD 77] [Vol. 11. No. 10. p. 5] a lìonadh de ’n uisge ’s a dh’ fhaodadh iad a ghiùlan, phill e dh’ ionnsuidh chàich a dh’ fhàg e as a dhéigh, agus bha e ’na mhór-aobhar ghàirdeachais gu ’n d’ fhuair e iad uile beò.—Cuairtear nan Gleann. SEONAID OG AGUS A MAIGHSTIR. EADAR. LE LACHAINN MAC GILLEAIN. THA cuimhn’ agam-sa air bean-tighe ’bhi aig Fear Bhaile-nan-Sop, bho chionn fhada ’n t-saoghail, ris an abairteadh Seònaid Og. Bha ’n tuathanach fhéin ’n a sheann duine, a’ dlùthachadh gu math air trì-fichead bliadhna; ach cha robh e riamh cho fortanach agus tachairt air boirionnach air an d’ thugadh e sòil, no a bheireadh sùil air. Coltach ri ioma fear eile d’ a sheòrsa, cha ’n fhaigheadh e an fheadhainn a ghabhadh e, ’s cha ghabhadh e an fheadhainn a gheobhadh e. Bha mar so riaghladh an tighe uile a’ tuiteam air Seònaid, nighean òg,—tha mi ’creidsinn gur h-i ’b’ òige de na seirbhisich uile. Bha i cho fortanach agus gu ’n robh a dol aice air na seirbhisich eile ’chumail air a làimh, bha spéis ac’ uile dhì,—agus, aig a’ cheart àm, air tlachd agus meas a maighstir a chosnadh. Bha earbsa mhòr aig’ aisde, agus gu minig chuireadh e a chomhairle rithe mu dheighinn a ghnothaichean. Bha Seònaid greis mhòr mar so ann an seirbhis an tuathanaich ’n uair a thòisich boirionnach a bh’ anns a’ choimhearsnachd air droch fhathunn a thogail oirre féin ’s air a maighstir. ’S e ’thug air a’ bhoirionnach so an seanachas a thogail, gu ’n do chuir i féin a sùil anns an tuathanach, agus bha a h-uile fiughair aice gu ’m pòsadh e i; agus ’n uair a chunnaic i gu ’n deachaidh a’ chùis n’ a h-aghaidh cha b’ urrainn dì dad a dheanamh ach droch ainm a sgaoileadh eadar e féin ’s a bhean-tighe. Thàinig na gnothaichean so mu dheireadh gu cluasan an tuathanaich fhéin—ach faodaidh sibh a bhi cinnteach gu ’n robh, cha ’n e ’mhàin suim mhòr aige da ’chliù féin, ach mar an ceudna do chliù Seònaid, smaointich e nach b’ urrainn da na b’ fheàrr a dheanamh ’na chur mu choinnimh Seònaid, e féin a phòsadh. Bha iad eòlach air a chéile agus bha fios aige gu ’n deanadh i an deagh bhean da. ’N uair a thàinig am beag sgeul gus am mòr sgeul, cha chluinnteadh facal fad na dùthcha ach mu phòsadh an tuathanaich agus Seònaid—Nach i bha fada ’s a’ cheann ’n uair a rinn i ’n gnothach air! Nach b’ i mo ghalad i ’n uair a mheall i ’n seann-duine! Cha robh i clì ’n uair a chaidh aice air a ribeadh! Dh’ iarr bana-choimhearsnach oirre, aon latha, ìnnseadh dhi ciamar a thàinig an gnothach mu ’n cuairt, agus so agaibh an cunntas a thug i seachad air, facal air fhacal. “So, so!” ars’ a bana-choimhearsnach, “trothad agus innis dhomh, ’nis, ciamar a thachair an rud a th’ ann—dé fios nach faod tuiteamas a bhi orm fhéin latha air chor-eigin. Cha ’n ’eil fios againn idir ’dé ’tha romhainn, ’s cha mhisde sinn an rathad ìnnseadh dhuinn, ’n uair nach aithne dhuinn fhéin ceart gach lùb ’us fiaradh a th’ air.” “Gu dearbh,” arsa Seònaid, “’s beag a tha ri ’ìnnseadh uile gu léir. Bha mo mhaighstir air falbh aig an fhaidhir, aon latha, a’ reic nan uan, agus bha e car glé anamoch mu ’n d’ thàinig e dhachaidh. Cha b’ àbhaist da fuireach air falbh ana-moch uair ’s am bith, chionn tha e ’n a dhuine cho faicilleach ’s a dh’ iomain spréidh. ’Nis tha thu faicinn, ’n uair a thàinig e, bha e na bu chridheala na chunna mi e bho chionn fhada; bu choltach gu ’n d’ fhuair e margadh math do na h-uain, agus ’n uair a bhios sin mar sin ’s còir leithsgeul duine ’ghabhail. A dh’ ìnnseadh na fìrinn duit, dh’ aithnich mi air a shùil gu ’n robh deur beag air. B’ àbhaist dòmhsa riamh ’n uair a bhiodh e air falbh, fuireach air mo chois gus an d’ thigeadh e dhachaidh; agus ’n uair a thàinig e ’n oidhche so, bha a shuipeir deas, glan agam roimhe. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan,—agus shaoileadh tu gu ’n do bhruidhinn e car na bu—seadh na bu chàirdeala na b’ àbhaist da. ‘Dé b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan, ‘ciamar a bha cùisean a’ dol air aghart bho ’n a dh’ fhalbh mi. Tha ’h-uile rud air dòigh tha mi ’n dòchas.’ ‘Tha, a h-uile rud, le ’r cead,’ arsa mise. ‘Tha sin gasda, tha sin gasda,’ ars’ esan, air a shocair fhéin. Chnìotaich e mi air mo ghuala, agus thuirt e rium gur ’h-e caileag mhath a bh’ annam. ’N uair a dh’ innis mi da a h-uile rud a thachair ré an latha, mar a’ b’ àbhaist domh a dheanamh a h-uile h-oidhche ’n uair a thigeadh e dhachaidh, chnìotach e ’rithist mo ghuala ’s thuirt e gu ’n robh e fortanach mo leithid a bhi aige timchioll an tighe. Cha chuala mi e ’g ràdhainn an urrad so rium fhéin riamh, ged is tric a theireadh e air mo chùl e. Shaoil mi, gu dearbh, nach robh e buileach ’n a thùr fhéin. ’N uair a chuir e crìoch air a shuipeir thòisich e air feala-dhà, ’s e ’g ràdhainn gu ’n robh mi ’n dà chuid ’n am chaileig mhaith agus bhòidhich. Bha fios agam nach ’eil daoine ’m bitheantas mar iad féin ’n uair a thilleas iad ’bhàrr féille, agus gu ’n abair iad rud no dhà nach abradh iad aig amannan eile. Mar sin dh’ fhàg mi oidhche mhath aige ’s dh’ fhalbh mi.—’Dé! Och, och! ’dé ’tha thu ’g ràdhainn? Cha d’ fheuch mo mhaighstir ri pòg fhaotainn bhuam idir; bha e na bu mhodhala na sin.” “Latha no dhà an déigh so thàinig mo mhaighstir far an robh mi. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan. ‘’Dé b’ àill leibh?’ arsa mise. ‘Thig a stigh an so,’ ars’ esan, ‘tha toil agam bruidhinn riut.’ ‘Théid an ceart-uair,’ arsa mise. Ghabh mi ’stigh far an robh e ’s mi ’smaointeachadh, fad na h-ùine, gu ’n robh e ’dol a dh’ ìnnseadh dhomh rud-eigin mu dhéighinn biadhadh nam muc, no mu dhéighinn na caora a bha sinn ’dol a mharbhadh, no rud-eigin mar sin.’ Ach ’n uair a dh’ iarr e orm suidhe, dh’ aithnich mi gu ’n robh rudeigin sònruichte air aire; ’chionn cha d’ iarr e orm suidhe riamh roimhe ach aon uair, agus b’e sin ’n uair a bha e ’dol gu faidhir na h-Eaglaise-brice. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan, ‘tha thu nise ùine mhath agam ’n a d’ sheirbhiseach,—’n ad dheagh sheirbhiseach, agus ’n ad sheirbhiseach dìleas. Bho ’n a bha thu ’n ad sheirbhiseach cho math, ’s tric a bha mi ’smaointeachadh gu ’m biodh tu ’n ad bhean na b’ fheàrr uile. ’Bheil dad agad an aghaidh pòsaidh, a Sheònaid?’ ‘Cha ’n ’eil fios agam, le ’r cead,’ arsa mise; ‘cha ’n urrainn do dhuine ’ràdh ciamar a chòrdas gnothach ris gus am faic e ’dé a tha e ’dol a dh’ fhaighinn,’ ‘Ma tà, a Sheònaid,’ ars’ esan, ‘tha thu glé cheart an sin a rithist. Bha thu agam-sa ’n ad sheirbhiseach bho chionn, a nis cóig-bliadhn’-deug, ’s cha ’n fhiosrach mi gu ’m b’ urrainn domh riamh a bheag de choire fhaotainn duit. Bha thu cùramach, deanadach, onorach, agus—.’ ‘O, le ’r cead,’ arsa mise, ‘bha mi air mo phàigheadh air a shon, agus cha robh ann ach an rud bu chòir dhomh a dheanamh.’ ‘Tha sin fior,’ ars’ esan, ‘ach tha toil agam casg a chur air an droch ainm a thog Mòr-nigh’n-Uilleim orm fhéin ’s ort fhéin, agus a tha ’nis am beul a h-uile duine; leis a sin, air son beul an t-sluaigh a dhùnadh, ’s e ’nì mise ’s thusa—pòsaidh sinn.’ ‘Dìreach sin, arsa mise’—’dé b’ urrainn domh ’ràdhainn?” “Thàinig mo mhaighstir a stigh far an robh mi làth’ eile, cas ’n a dhéigh so, ’s thuirt e rium fhéin—‘A Sheònaid,’ ars’ esan. ‘’Dé ’b’ àill leibh?’ arsa mise. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan, ‘tha mi ’dol a’ chur a stigh nan gairmeannan an diugh, air son na Sàbaide so ’tighinn.’ ‘Dìreach sin,’ arsa mise.” “Mu sheachduin an déigh so thuirt mo mhaighstir rium—‘A Sheònaid,’ ars’ esan. ‘Dé ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘Tha mi ’smaointeachadh,’ ars’ esan, ‘gu ’n cuir sinn seachad am pòsadh air Di-haoine so ’tighinn, mur ’h-’eil dad agad ’n a aghaidh.’ ‘Dìreach sin,’ arsa mise. ‘Agus,’ ars’ esan, ‘théid thu ’stigh do ’n bhaile Di-luain, a cheannach gnothaichean na bainnse. Bha mi fhéin a’ bruidhinn ris a’ Mharsanta Mhòr, ’s bheir e dhuit nì ’s am bith a dh’ iarras tu. Cha ’n fhaigh mi dol a stigh leat air an latha sin, ach thoir fhéin leat a h-uile rud mar a thogras tu.’ “Chaidh mi ’stigh do ’n bhaile Di-luain, ’us cheannaich mi a h-uile rud beag a bha ’dhith orm; ach bha gu leòir de dh’ aodach agam roimhe, agus cha robh toil agam a bhi struidheasach. Thug mi mo ghnothaichean a dh’ ionnsuidh na ban-fhualaiche, agus fhuair mi dhachaidh iad air Dir-daoin.” “Air oidhche Dir-daoin thuirt mo mhaighstir,—‘A Sheònaid’ ars’ esan. ‘’Dé ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ’S e ’m màireach latha na bainnse,’ ars’ esan, ‘agus thoir an aire gu ’m bi a h-uile dad deas air son na suipearach, ’chionn tha fiughair agam ri cuideachd, agus bu mhath leam a h-uile rud a bhi ’n deagh òrdugh. Faic fhéin a h-uile rud ceart.’ ‘Dìreach sin,’ arsa mise.” “Cha do ghabh mi dad de shuim de ’n ghnothach gus a so; ach, a nise, smaointich mi gu ’m feumainn feuchainn ri deanamh cho math ’s a dh’ fhaotainn, air son gu ’n toilichinn mo mhaighstir agus a chuideachd. Mar sin fhuair mi a h-uile nì deas, agus glan, grinn. Shaoilinn nach biodh dad ceart mur biodh mo dhà làimh fhéin mu ’n cuairt air.” “Air maduinn Di-haoine thuirt mo mhaighstir—‘A Sheònaid,’ ars’ esan. ‘’Dé ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘Falbh,’ ars’ esan, ‘’s glan thu fhéin, ’s bi ’faighinn an òrdugh. Bithidh a chuideachd an so ’n ceart-uair, ’s feumaidh tu ’bhi speisealta. Fanaidh tu anns an t-seòmar bheag,’ ars’ esan, ‘gus an téid fios a chur ort.’ ‘Dìreach sin,’ arsa mise. Ach bha de ghnothaichean ri dheanamh, ’s nach b’ urrainn domh faighinn air falbh, agus bha a’ chuideachd uil’ air tighinn mu ’n d’ fhuair mi m’ aodach a chur orm.” “Thàinig mo mhaighstir a stigh a rithist ’s thuirt e rium mi ’bhi ’falbh gun tuille dàlach, ’s mi fhéin fhaighinn air dòigh, ’chionn bha ’m ministeir a’ teurnadh ’nuas ’dh’ ionnsuidh an tighe. Mar sin b’ fheudar dhomh a h-uile rud fhàgail aig na seirbhisich eile, agus dol a chur orm m’ aodach-caomhanta.” “’N uair a’ bha feum ormsa, thàinig fear Lagan-Uinnsinn agus thug e mi ’stigh do ’n t-seòmar far an robh a’ chuideachd uile, agus am ministeir. Cha mhòr nach deachaidh mi ’n laigsinn, ’chionn cha ’n fhaca mi an urrad de chuideachd cruinn bho ’n a thàinig mi ’stigh do ’n t-saoghal, agus cha robh fios agam c’àite ’n seallainn. Mu dheireadh rug mo mhaighstir air làimh orm, ’s dh’ fhairich mi mi-fhein a’ fàs na bu làidire. Thuirt am ministeir fuathas, fuathas ruinn, ach cha ’n eil cuimhn’ agam-s’ air a dhara leth; ’s rinn e ’n sin ùrnuigh. An déigh so shaoil mi gu ’n rachainn air bàinidh leis na thòisich air mo phògadh. ’S iomadh aon a chrath mo làmh gu càirdeil, ag guidhe sonais dhomh, nach fhaca mi riamh roimhe. “An déigh do na gnothaichean so a bhi seachad, thug mise car-mu-luib asam a nuas am measg nan seirbhiseach eile, a dh’ fhaicinn an robh an t-suipeir air dòigh cheart. Ach an ceann tiota [TD 78] [Vol. 11. No. 10. p. 6] co ’bha ’nuas ach mo mhaighstir. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan. ‘Dé ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘A Sheònaid ars’ esan, ’feumaidh tu ’nis a thuigsinn nach ’eil thu na ’s fhàide ’n ad sheirbhiseach dhòmhsa ach ’n ad mhnaoi;’ ars’ esan, ‘agus leis a sin feumadh tu tighinn a nios agus suidhe còmhla ris a’ chuideachd.’ ‘Dìreach sin,’ arsa mise. ‘Dé, ma tà, a dh’ fhaotainn a dheanamh ach falbh a sìos ’us suidhe ’measg na cuideachd. Agus, a nis, a Mhàiri, sin agad a h-uile car timchioll na suiridhe agus a phòsaidh agam-sa.” AN TIGH-CEILIDH. LE AONGHAS MAC FHIONGHAIN. ANN an iomadh ceàrn de’n Ghàidhealtachd bho cheann dà fhichead bliadhna air ais, agus gu h-àraidh ’s an àite ’s an d’ rugadh mise, cha robh moran de choigrich ri fhaicinn ach glé ainmig. Is ann aon uair ’s an t-seachduin a gheibheadh duine litir; agus cha’n fhaictear bàta-na-smùide ach aon uair ’s a’ mhìos, agus bu mhòr an toileachadh a dheanadh an sluagh ri a tighinn, air son na mine, còrcach air son ròpan, ’s air son acfhuinn iasgaich. Cha bhiodh beag no mòr nach bitheadh a’ feitheamh nam bàtaichean air a chladach, agus am fear aig nach biodh poca air a mhuin, bhiodh poca aige fo ’achlais uiread ri màl pìoba; na balaich bheaga le’m pòcannan làn de ùbhlan no de dh’ “oraindseirean.” Cha bhiodh maor-lagha air a chuairt ach h-uile trì mìosan; lighiche, ceithir uairean ’s a’ bhliadhna, mur cuireadh h-aon fios orra. Cha robh mòran feum air an lighiche an tràth ud, bha’n sluagh cho fallain. Cha robh lighiche riamh aig tigh m’ athar ged a bha e-fhéin agus cuid de ’theaghlach ’s an àite gu latha am bàis. Bhiodh fear-siubhail-malairt dà uair ’s a’ bhliadhna; fear-malairt cruidh agus eich, a dhà no trì uairean ’s a’ bhliadhna. Cha bhiodh ach dà fhéill ’s an àite ’s a’ bhliadhna. Fhad ’s a tha cuimhne agamsa bha tighinn de choigrich ’s an àm ud cunbhalach, ’s thigeadh aon eòlach no caraid no bana-charaid a choimhead h-aoin de na coimhearsnaich an dràsd ’s a rithist. ’Nuair a chluinneadh ’s an àite gu’n d’ thàinig coigreach a choimhead air aon de na coimhearsnaich, gu h-àraidh na’m b’e nighean òg a bhiodh ann, dh’ fheumadh fios a bhi aca cò i no cò ás a thàinig i. “An cuala tu,” ars’ Alasdair ri Dòmhnull Mac Sheumais, “cò ’n nighean òg a thàinig gu tigh Iain ’ic Fhionlaidh anamoch an raoir?” “’N e ban-choigreach a bh’ ann?” arsa Dòmhnull Mac Sheumais. “Tha mi ’m barail gur h-è,” ars’ Alasdair. “Ciod e bu choltas d’i?” arsa Dòmhnull. “Té chruinn dhubh, is gruaidhean dearga,” ars’ Alasdair. “Cha ’n ’eil mi ’g ad thuigsinn;” arsa Domhnull, “ach cha’n fhada gus am bi fios againn cò i no cò ás a thàinig i.” ’S mar a thubhairt, b’ fhìor; mu’n robh e ochd uairean an oidhche sin féin bha gach gille òg ’s a’ bhaile air a sgeadachadh leis an deise a b’ fheàrr a bh’ aige. ’S mu ’n gann a ghabh iad an tràth-feasgair bha tigh Iain Mhic Fhionnlaidh cho làn thun an doruis le gillean òga air chor ’s nach robh fuirm no cathraichean ann air an suidheadh iad. Cha robh fios aig a’ chaileig bhochd ciod a theireadh no a dheanadh i: cha d’ fhuair i mòran tìm no fois cho fad ’s a bha i ’an tigh Iain ’ic Fhionnlaidh. Bu mhor ás fhéin am fear a gheibheadh a h-aire agus a còmhradh; ’s ann mar so a fhuair iomadh fear a chéile-phòsda, ’s cha bu bhitheanta a bha aobhar aithreachais air air a shon. Bha iomadh tigh-céilidh ’s an àite; tigh an tàilleir agus a’ cheàrdach; ach bha aon tigh àraid ann far am biodh a’ chuid mhòr de na gillean òga a’ cruinneachadh; bhiodh an tigh làn bho ochd uairean, àm fheasgair, gus am bitheadh fada air aghart ’s an oidhche, a réir ’s mar a bha cùisean a’ còrdadh riu. Bhiodh ceòl, òrain agus sgeulachdan a’ dol timchioll air a’ chòmhlan. Am fear nach b’ urrainn pìob no tromb a chluich, dh’ fheumadh e oran a ghabhail no sgeulachd innseadh, air chor ’s nach biodh aon ’s an tigh nach b’ urrainn a h-aon dhiubh sin a dheanamh. ’S dòcha gu ’m biodh naoi no deich a tarruing na pìob thombaca còmhla. Bhiodh ceò an tombaca cho dùmhail ’s gur gann a chìtheadh tu solus a’ chrùisgein no aodann a chéile. ’S ann mar sud a dh’ ionnsaich mise a’ phìob-thombaca ’n toiseach, a’ lasadh am pìoban do chàch. Tha cuimhne agam air oidhche shonraichte a tharruing mi fichead oiteag de thombaca laidir á seann phìob dhubh chreàdha, air son seann tromba: b’e sin misg a bu mhò a bh’ ormsa riamh. Balaich òga coma ach a bhi coltach ri feadhainn eile ri tombaca, a’ gleachd, a’ tuasaid agus iomain. Is iomadh ni gòrach a rinn balaich òga a bha ’n a mheadhon air an deanamh cruadalach ’n an cùrsa beatha troimh ’n t-saoghal an déigh-làimh ged nach biodh e taitneach dhaibh ’s an am. Bho thoiseach a’ gheamhraidh gu deireadh an earraich bhiodh a’ chuid a bu mhò de na h-òigridh aig an dachaidh gus am biodh an t-àiteach seachad, ’nuair a agaoileadh iad do gach ceàrn de ’n rìoghachd. Bhiodh ’s an tigh-céilidh saighdear no dhà, agus iasgair a bhiodh ag iasgach an sgadain ’s an àird-an-ear, seòladair a bhiodh a seòladh thairis, fear a bhiodh ag obair ’s a’ bhaile mhòr, fear eile a bhiodh air an luing-fhòghluim “Hogg” ann an Grianaig. Bhiodh an ceòl agus na h-òrain an toiseach, agus an sin na sgeulachdan; bhiodh fear-an-tighe a’ snìomhadh fraoch-siomain; a’ bhean ’s na h-ingheanan a’ càrdadh ’s a snìomhadh: cha robh iad a’ call mòran dhe ’n tìm ag éisdeachd nan sgeulachdan, bha iad cho cleachdta riu. IASGAIR AN SGADAIN. Thòisich iasgair an sgadain a bha ’s an àird-an-ear an toiseach, ag innseadh mu’n chruadal a bhiodh aca ri sheasamh a mach ’s a’ chuan, a’ tarruing na lìn mhòra, làn sgadain, ri stoirm agus uisge; ’s cho acrach fuar agus fliuch a bhiodh iad a’ tighinn dachaidh; ’s cho math a sheòladh agus a’ stiùradh iad bàta; ’s na h-aimhreitean agus caonnagan anns am bitheadh iad-féin agus muinntir an àite; ’s na’n creideadh tu iad-féin, bhiodh an còmhnuidh a chuid a b’ fheàrr aca-féin dhe ’n tuasaid. FEAR A’ BHAILE MHOIR. An déigh sin dh’ innseadh am fear a bha ’g obair ’s a’ bhaile-mhòr mu ioghnaidhean a’ bhaile; ùbraid luchd-malairt; an stoirm a bhiodh aig “tramaichean,” eich, cùirn agus carbadan air sràidean; gleadhraich agus òrdaireachd fhùirneisean, agus saothair luchd-obair iaruinn; misg agus tuasaidean thall ’s a bhos. FEAR AN “HOGG.” ’Nuair a bha fear a’ bhaile réidh, thòisich am fear a bha air an luing-fhoghlum “Hogg,” ag ràdh gu’m biodh aca ri leum thall ’s a bhos o thaobh gu taobh dhe’n luing, a’ nigheadh agus a’ sgrìobadh clàir ùrlair agus uachdar na luinge, cas-ruisgte gun bhròig ’s gun stocain, ’s a’ tarruing ghunnaichean mòra mach ’s a stigh air na cliathaichean, a’ tarruing ròpaichean ’s a togail shiùil, le Beurla bhrais troimh thrombaidean fada pràise, air ais ’s air aghart le ’m bàtaichean beaga eadar long is tìr, agus uair ’s an t-seachduin ag ionnsachadh snàmhadh dlùth air an luing. AN SAIGHDEAR. Cha luaithe a bha fear na luing-fhòghluim deas dhe ’naigheachd na’ thòisich an saighdear air na bhiodh e faicinn de ioghnaidhean anns na rioghachdan thairis; na batail anns am bitheadh e, ’s gach seòrsa de dhaoine a bhiodh a’ tachairt air, dubh, geal, agus air dath a’ chopair; cho math ’s a dheanadh iad caonnag ris na naimhdean, ’s na bhiodh a’ tuiteam air gach taobh, marbh agus leòinte; ’s mar a bha iad a’ toirt buaidh air na naimhdean, a’ leum thar bhallaichean cloiche agus chlaisean domhain, a’ streapadh ri creagan ’s a’ coiseachd troimh aibhnichean as an déigh. ’Nuair a bhiodh am batail seachad, ’s a bha na mairbh air an adhlacadh, bha na h-oifigich a’ toirt cuirm mhòr do na daoine, pailteas dhe gach seòrsa, ceòl agus dannsadh. Bha mòran saoibhreas air a ghlacadh o na naimhdean, inneal-chogaidh dhe gach seòrsa, agus brataichean a tha r’ am faicinn thun an latha ’n diugh ann an dìon-chaisteil na rìoghachd mar chuimhneachan air neart agus treubhantas do’n àl a ta ri teachd. AN SEOLADAIR. An uair a chrìochnaich an saighdear, cha robh fios aig an t-seòladair a bhiodh ’seòladh thairis, ciod a theireadh e. Thug naigheachd an t-saighdeir ’anail bhuaith, ach dh’ fheumadh e rud-eigin a ràdh. Dh’ innis e mu na luingis mhòra air am bitheadh e seòladh air gach cuan, agus na bhiodh iad a faicinn de ioghnaidhean anns na bailtean-puirte anns am bitheadh iad a’ taoghal. Uairean a’ ruith roimh ’n stoirm le croinn rùisgte, ’s a’ bualadh air creagan agus mill ghainmheach, a’ teicheadh le’m beatha ann am bàta beag, ’s a’ call a h-uile ni a bhiodh aca ris an t-saoghal, ach na bha mu ’n druim; ach an uair a gheibheadh gu cala sàbhailte ’s a thachaireadh luchd-eòlais ri chéile, bha iad a’ dì-chuimhneachadh an àmhghair agus am fulangas. Rachadh an ùine seachad cho luath leis na naigheachdan ’s nach biodh fios ciod e an t-àm dh’ oidhche a bhitheadh e, a cheart cho dòcha gu’m biodh e aon uair no dà uair ’sa mhadainn, mu ’n sgaoileadh iad. Cha robh na h-uaireadairean pailt ’s an àm, ’s cha robh mòran feum orra. Na balaich bheaga a bha ’n an suidhe ré na h-oidhche ag éisdeachd ris na naigheachdan, ’s am beul fosgailte leis a’ bhuaidh a bh’ ag na naigheachdan orra, cho luath ’s a gheibheadh iad a mach air a’ bhlàr bhiodh iad deas air son a bhi ’n sàs anns a’ cheud aon a thachaireadh riu, le maide, clach no dòrn. ’Nuair a rachainn fhein a laidhe ’s a chaidilinn, bhithinn a’ bruadar a bhi ann an luing mhòir a’ dol suas ’s na croinn; uair eile, ann am batail a’ stràcadh nan naimhdean le m’ uile neart, le gunna no bata, no a’ gleachd ri h-aon aineolach: uair eile, ann am baile mór a’ faicinn gach ioghnaidh. Bhiodh m’ inntinn air a lìonadh suas le cuantan, rìoghachdan is bailtean nach fhaca mi riamh ’s nach fhaic mi am feasd. Cha b’ iad daoine gun bhrìgh a bhiodh a’ cur dragh orm, ach a h-uile fear riamh a’ feuchainn ciamar a gheibheadh e air falbh as an dùthaich gu bhi ’n a shaighdear no ’n a sheòladair. Cha ’n ’eil mor ioghnadh ’s am bith orm ged bha ’chuid a bu mhotha de ’n òigridh a’ dol do’n arm, agus a sheòladh chuantan, agus ga ’n dearbhadh féin ’nan saighdearan agus ’n an seòladairean matha anns a h-uile ceàrn dhe ’n t-saoghal anns an robh iad, dìleas d’an dùthaich agus d’an ainm, a dh’ fhag mar chuimhneachan aig an ginealach, treubhantas, onoir agus fìrinn a thòisich anns an Tigh-Chéilidh. Duine còir an rathaid mhóir ’s béisd mhór a’s tigh. [TD 79] [Vol. 11. No. 10. p. 7] Oran Imrich. LE CALLUM BAN MAC MHANAINN. An àm togail dhuinn fhin ’Mach o chala Phortrigh, ’S iomadh aon a bh’ air tir ’s iad brònach; Iad ag amharc gu dlùth Null ’s an sùil air an Luing, ’S ise ’gabhail a null gu Rònaidh. Thuirt Mac Fàid as an Dìg, ’S e ag eigheach rium fhìn, ’S ann a laigheas i sios gu Tròdaidh, ’S biodh am fearr is fearr tùr Nis na shuidh air an stiùir, Gus an teid i os cionn an t-Sòain. Eilean oil’ ann da réir, Agus Sgeir na Ruinn Géir, ’S bidh muir air a bhéisd an còmhnuidh; Tha cnap eil’ ann no dha, ’S ann dhiubh sin Clach nan Ràmh, ’S Bogha Ruadh, ’tha fo àird ’Ic Thòrlain; Leachd-na-Buinne so shuas, ’S Rugha ’n Aiseig ri ’cluais, Mol-a-Mhaide ’s e cruaidh le dòirneig. Thoir an aire gu dlùth Cumail àrd os an cionn; Seachain sruth Rudha Hùnais, ’s mor e. Dh’ eirich soirbheas o’n tuath Dhuinn os cionn Fladaidh-chuain, ’S ann a ghabhadh i ’n uair sin oran; I a’ siubhal gu luath, ’S i a’ gearradh ma ’cluais, ’Dol a ghabhail a chuain ’s i eolach. Thug mi sùil as mo dhéigh, ’Null air Rugha-Chùirn-léith, Is cha ’n fhaca mi féin ach ceo air. Sin ’nuair labhair Mac Phàil, ’S e ag amharc gu h-àrd, “’S mor mo bheachd gur e bàrr a’ Stòir e.” Moire! ’s minig a bha Mise treis air a sgàth Ann an Rig, ’s gum b’ e ’n t-àite bho e, ’Nuair a thigeadh am Màrt, Bhiodh an crodh anns a Chàrn, ’S bhiodh na luibhean co-fhàs ri neoinean. Bhiodh an luachair ghorm ùr, Nios a’ fàs anns a bhùrn, Fo na bruthaichean cùbhra, boidheach, Bhiodh na caoirich da réir Ann ri mire ’s ri leum, ’S iad a’ breith anns a chéit uain oga. Thainig maighstir as ùr Nise stigh air a’ ghrunnd, Sin an naigheachd tha tùrsach, bronach, Tha na daoin’ as a’ falbh, ’S ann tha ’m maoin an deigh searg’, Cha ’n ’eil mart aca dh’ fhalbhas mointeach; Chuireadh cuid dhiubh ’sa mhàl, ’S fhuair cuid eile dhiubh ’m bàs, ’S tearc na dh’ fhuirich a làthair beo dhiubh; Ciod a bhuinig dhomh fhìn ’Bhi a fuireach ’san tir, O nach coisinn mi ni air brogan. ’S ann a theid mi thar sàil, ’S ann a leanas mi càch, Fiach a faigheamaid àite comhnuidh. Gheibh sinn fearann as ùr, ’S e ri cheannach a grunnd, ’S cha bhi sgillinn ri chunntas oirnn dheth. ’S math dhuinn fasgadh nan craobh, Seach na bruthaichean fraoich, Bhiodh a muigh ann an aodann Ghròbain, Air na leacan lom, fuar, ’N uair a thigeadh am fuachd, Sin an t-astar bu bhuaine mointeach. Moire! ’s fhada dhuinn fhin Rinn sinn fuireach ’san tir, Ged a thogamaid ni gu leor ann, ’S iomadh dosgainn is call Thigeadh orra na ’n àm, Chuireadh seachad feadh bheann ri ceo iad. Ged a readhmaid gu féill, ’S ged a reiceamaid treud, ’S ged a gheibheamaid féich gu leor air, Thig am Bàillidh mu ’n cuairt Leis na sumanaidh chruaidh, ’S bheir e h-uile dad uainn dheth comhla. B’ e sin fitheach gun àdh Tha air tighinn an tràths, ’S e na Bhàillidh an aite ’n Leodaich, Umaidh àrdanach, cruaidh, ’S e gun iochd ris an tuath, E gun taise, gun truas, gun trocair; ’S beag an t-ioghnadh e féin ’Bhi gun chairdeas fo ’n ghréin, Oir cha ’n aithne dhomh féin co ’s eòl dha, Ach an Caimbeulach ruadh O thaobh Assaint o thuath; ’S nam bu fada fear buan deth sheorsa! Ach ma theid thu gu brath A null thairis air sàil, Thoir mo shoraidh gu cairdean eolach, Thoir dhaibh cuireadh gun dail Iad a theicheadh o ’n mhàl, ’S iad a thighinn cho trath ’s bu choir dhaibh. Is nam faigheadh iad àm, ’S doigh air tighinn a nall, ’N sin cha bhiodh iad an taing Mhic Dhomhnuill; ’S ann a gheibheadh iad àit’ Anns an cuireadh iad bàrr ’S ro-mhath chìnneadh buntata ’s eorn’ ann. ’S e so Eilean an àigh, Anns am bheil sinn an tràths, ’S ro-mhath chinneas dhuinn blath air pòr ann. Bidh an coirc’ ann a’ fas, Agus cruithneachd fo bhlath, Agus tuirneap is càl is pònair, Agus siùcar nan craobh Ann ri fhaighinn gu saor, ’S bidh e againn na chaoban mora; ’S ruma daite, dearg, ùr, Anns gach bothan is bùth, ’Cheart cho pailt ris a bhùrn ga ol ann. Rinneadh an t-oran so le Callum Bàn Mac Mhanainn, aon dhe ’n luchd-imrich air an t-soitheach ainmeil “Polly,” a sheol a Portrigh ’san Eilean Sgiathanach toiseach an t-samhraidh, 1803, agus a leag an t-acair ann am bagh Orwell, an Eilean a’ Phrionnsa, air an 18mh latha de cheud mhios an Fhoghair ’sa bhliadhna sin, le mu thimchioll ochd ceud luchd-imrich. Tha ’n t-oran a toiseachadh le bhi ’toirt cunntas orra fagail acarsaid Phortrigh, agus an seoladh cunnartach am measg chreagan is eileinean air taobh an ear agus tuath an Eilean Sgiathanaich gus an d’ fhuair i sabhailte gu cuan mor. Tha e ri thuigsinn o’n oran gu ’n robh laimhseachadh an t-soithich air earbsa ris a chuid bu chomasaiche ’s a b’ eolaiche ’measg an luchd-imrich fhad ’sa bha feum orra. Tha e ’cur sios gu cruaidh air an-iochdmhorachd a bhaillidh, agus a’ toirt comhairl’ air daoine teicheadh o ain-tighearnas nan uachdaran. Tha e criochnachadh le bhi moladh Eilean a’ Phrionnsa do dhream aig am biodh sùil ri tigh’n a nall. Bhatar am beachd ùine mhor gu robh an t-oran so air chall, ach ’sa bhliadhna 1883, air an 29mh la dhe ’n Mhart, fhuaìreadh e o bheul seann duine, aois ceithir fichead ’s a cóig, a dh’ ionnsaich e an laithean oige o’n ùghdar. Tha e ro choltach gu robh am fonn air a dheanamh le aon de Chloinn ’Ic Criomain. Tha ’n t-oran na shamhladh fior air a Ghailig dhùthchasaich, mar a bha i air a labhairt ’san Eilean Sgiathanach corr is ceud bliadhna air ais; oir cha b’ urrainn an t-ùghdar aon chuid sgriobhadh no leughadh. Chaidh an t-oran a sgriobhadh le Eoghan Mac Laomuinn, ’sa chur gu MAC-TALLA ’san earrach, 1895, le “Murchadh Cam.” Tha sinn aig an am so ga ’chur an clo a rithist, air iarrtus cuid de ’r leughadairean an Eilean a’ Phrionnsa. Iadsan a Phaigh. Alasdair Mathanach, Malagawatch. Domhull A. Mac-Fhearghais, Marion Bridge Domhull D. Mac Gille-mhaoil, Gleann Moireasdan. Iain Mac-Coinnich, Mira Gut Somhairle C. Caimbeul, Eilean Phòil. An t-Athair Mac-Eamuinn, Sidni. Iain Mac Odrum, Sidni. Iain B. Domhnullach, Lingan Road. Domhnull Mac-Gilleain, Caledonia. Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morien. Seumas Mac-Aonghais, Kennington Cove. Iain D. Mac-Leoid, Framboise. Micheal F. Mac-a-Phi, Glace Bay. Murchadh Mathanach, Glace Bay. An t-Urr. R. Mac Coinnich, Iona. A. I. Mac-Eacharan, Port Hastings. Donnachadh Mac-Fhionnlaidh, L’Ardoise Aonghas Buchanan, McKay’s Corner. Bean Neill Mhic-Leoid, Jubilee. P. D. Mac-an-t-Saoir, Rathad nam Frangach. Steaphain Mac-Neill, Benacadie. Bean Iain D. Mhic-Fhionghain, Scotsville Iain MacGill-fhaollain, Bridgetown, E.P.I Domhull Mac-Coinnich, Orwell Cove, E.P.I Martuinn Martuinn, Martinvale, E.P.I M. D. Mac Cormaic, Launching, E.P.I R. I. Mac Gill-fhaollain, St. George’s E.P.I M. D. Domhnullach, St. George’s E.P.I Iain N. Mac-Leoid, Orwell, E.P.I N. N. Mac-Gilleain, Caledonia, E.P.I T. Mac-Fhionghain, Cnoc na Frìthe E.P.I Dàidh Mac Gill-fhinnein, Eileanan Coille An t-Urr I C Mac Gille-mhaoil, Cardigan R A Domhnullach, Harbor au Bouche, N.S. A. Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont. D. Mac Gillebhrath, Cnoc na h-Eaglais, Ont. Iain Grannd, Lagan, Ont. Iain A. Moraidh, Agnes, Cuebec Iain Mac Gill-fhinnein, Los Angeles, Cal. Uilleam Mac-Dhabhaidh, Pacific Grove. Cal. Uilleam Domhnullach, Arkansas, Kansas Eachunn Dùghallach, Exeter, N. H. Iain Camaran, Detour, Mich. Cairistine Chamaran, Brownfield, Maine. A. B. Mac-Leoid, Plymouth, Mass. N. H. Caimbeul, Waipu, New Zealand. Coinneach L. Domhnullach, Sgiathabost. Morair Lobhat, ’sa Mhanachainn, Alba. D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—Far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—’San tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmcachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 80] [Vol. 11. No. 10. p. 8] An Cu Beag. Oran a rinneadh do chuilein beag a bha am mach air an raon far an robhtar a cruinneachadh chlach air latha fuar ’san earrach. Tha ’n coinean beag maoth sin Fo dhaorsa le feagal, Leis cho fuar ’s a tha ghaoth, Gu bheil a shaoghal aig deireadh. Tha e beucail ’s a biogail, ’S tha e sgriamhail ’s a sgreadail; ’S mur deid thu dhachaidh gun dàil leis Buailidh ’m bàs e gun teagamh, Air no na ’s mios. Oir tha chridhe cho iosal, ’S a shùilean crion cho neo-sgairteil; Tha e crith leis an fhuachd, Is tha e truagh leis an acras; Is tha ’n t-ainmhidh a’s uaisle, ’S a ghluasad a’s taitnich’, Dha-s’ uile mar bhòcan, Chum a leon is a thacadh, ’S a chur a bith. ’S a choinein bhig, ghoraich, ’S e bu bhoidhch’ is bu ghlic’ dhuit, Gun tigh’nn dh’ ionnsuigh an raoin so, ’S iad cur saoil cho ro thric ort. Ma bhuaileas clach thu ’sa cheann Bidh tu á àm ann an tiotadh, ’S bidh ’n cat firionn gun chompair, ’S do cheann donn-s’ air a bhrisdeadh; ’S an cluinn thu sin? Mu ’n dig na naimhdean gu léir ort Le luaths féidh, theirig dhachaidh, ’S na dig tuilleadh ’s am fàs thu Na ’s àirde bho ’n talamh, ’S am bi do chràmhan na ’s cruaidhe, ’S tuilleadh luaiths ann do chasaibh, ’S tuilleadh neirt ann do dheudaich, ’S i glan gleusda gu sabaid, Is gu rud ith. Ars’ an coinean beag bronach, ’S e gu deonach a freagairt, “Ged theid mi dhachaidh an trath so Cha deid mo chàradh a leasach’; Oir tha ’n dorus orm duinte, ’S bidh mi ciùrrte le feagal; ’S thig a mhuc no na caoirich Gu mo chaobadh is mo bhreabadh, Air no gu m’ ith.” Och, a choinein neo-aoibhneach, Bu tu ’n saighdear gun mhisnich, Dur chuireadh caora bhochd, chaoimhneil, No mhuc chraimneach air chrith thu. Cuir gu smearail do dhréin ort, ’S rùisg do dheudach tha biorach, ’S cuir air theicheadh gach béisd dhiu Feadh nan sléibhtean ’s nam fireach, Is iad nan ruith. “Tha na caoirich mor làidir, ’S tha mhuc ghrànnda fior sgairteil, ’S tha mo chridhe-sa anmhunn, ’S tha mo theanchair gun neart innt’; Ach mu ’n tig ceann na bliadhna Bidh mi fiadhaich is sgaiteach; ’S cha bhi ainmhidh air sliabh A chuireas fiamh orm no gealtachd, Dur bhios mi sean.” AN CU BEAG, An uair a bha e bliadhna de dh-aois. Is gur h-e ’n gille coir sin A tha anns an deagh ordagh, Agus am bus mor aig’ Cho boidheach ’s cho sliom. Tha car na ’fheaman ròmach, Tha casan fada mor air, Is broilleach geal ro-oirdheirc, ’S gun fhòtus na chrìdh’. Tha fhiaclan cruaidh is làidir, ’S tha bheul fior-fharsuinn càilmhor; ’S math dh’ itheas e ’m buntàta, ’S gu h-àraid am mìr. Is toil leis lit is làgan, Deagh bhainn’ agus feoil làidir; ’S cha tionndaidh e gu tàireil Bho chàis no bho ìm. Nan digeadh àm a chruadail, Is nam biodh feum air luathas, ’S eis’ am fear bhiodh buadhach Gu h-uallach ’s gach càs. Dur chuireadh e a dhréin air, ’S a rùisgeadh e a dheudach, Bu dàmh’r d’a nàmhaid géilleadh Gun bheum chur an sàs. ’S dur thoisicheadh an riabadh, ’S an t-sabaid a bhiodh fiadhaich, ’S a chluinneadh tu na sgriamhan ’Bu phiantaich’ aig càch, B’ e sin an ceol bu bhoidhche Le cluais a ghille mhoir ud, Oir bhiodh e buileach deonach An leonadh gu bàs. Is ged a tha e gruamach, Is crosd an àm a bhuairidh, Tha e a cheart cho suairce Cho luath ’s a thig sìth. Tha e na ghnè cho càirdeil, Cho daimheil is cho pàirteach, ’S na chuilein cho beag àrdain ’S chaidh àrach san tìr. Ach cha ’n fheil seorsa mhucan An taobh-sa gheata ’n Turcaich Nach ruaigeadh e gun fhurtachd Nan tuiteadh an stri. Tha e na chù cho feumail ’S chaidh thogail fo na speuran; ’S a dh-inns’ na firinn réidh dhuibh, Cha léir dhomh a phrìs. Oir fhuair e tuigs’ a bhàrr air A h-uile cù ’san àite, Is do gach obair àlainn Gach là thug e spéis. Is cinnteach leam an tràth so Nach faicear cù gu bràth leinn A thuigeas a chruaidh Ghàidhlig Na ’s fearr na e-féin. Cha tug mi riamh de thàir dha, ’S gun labhrainn ris ’sa chànain Mu bheil na Gaill ag ràdh Gur h-i ’s àirde fo ’n ghréin. Ach sguiridh mi ’san àm so De chliu a sheinn na làthair, Mum fàs e tuilleadh ’s stàirneil A thàlantan geur’. Rinneadh an da oran air a chù bheag mu ’n bhliadhna 1845. Is e Pàdruig Ros anns a Bheinn Ghuirm a b’ ùghdar dhaibh. Thug e dhomhs’ iad, air an sgriobhadh a sios leis féin, air an t-siathamh latha diag de ’n Mhàrt, 1887. Bha Padruig na eildeir aig a Bhlàrach. Bha e na dhuine fiosrach, tuigseach; agus na fhear labhairt fior mhath. Thainig athair, Uilleam Ros, a Gleann-Urchadain ’sa bhliadhna 1818. Tha Gàidhlig aig a chù agam-sa a cheart cho math ’s a bha i aig cù Phàdruig. Cha bhith mi a bruidhinn ris ach Gàidhlig. Tha mi a cumail na Beurla air son Shasunnach is air son Ghaidheal thruagha a tha feuchainn ri bhith nan Sasunnaich. GLEANN-A-BHAIRD. Earbsa. Dh’ eirich an fhairge, ’s shéid a’ ghaoth, Is b’ aobhar-oillt an fhuaim, Do ’n h-uile aon ’s an eathar fhaoin, Air faondradh feadh a’ chuain. Ach mac an sgiobair, balachan maoth, Chual’ e, gun gheilt, an toirm; Fiamh aiteis ard gun robh na ghnùis, Gun smuairean air roimh ’n stoirm. Dh’ fheoraich aon de ’n sgioba dheth, C’arson bha e cho ciùin; “Cha ’n eagal domhsa,” fhreagair e, “Tha m’ athair air an stiùir.” Mar so, ’n uair dhìobras sòlas sinn, ’S an cridh’ le dòlas lan, Tha acair dhaingean ann nach tréig; ’S e Dia is Dia a mhain. R’ ar n-ùrnaigh cromaidh Dia a chluas, Is fuasgladh luath bheir dhuinn; Ar deoir gu aiteas tionndaidh e, Gu aoibhneas fath ar teinn. Measg amhgharan an t-saoghail thruaigh, Earbaibh a Dia nan Dùl, Ag radh, an la na gaillinn chruaidh, “Tha m’ athair air an stiùir.” Tha ar stor ro-bheag airson na th’ againn de dh’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula a shealltainn gu ceart. Gluaisidh sinn do ’n stor mhor a th’ ann an TOGALACH MHIC GUAIRE air a cheud latha de Nobhember. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 81] [Vol. 11. No. 11. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, NOBHEMBER 28, 1902. No. 11. A’ Chomhstri mu Chrioch Alasca. BHUINEADH Alasca, ri linn ceud eachdraidh na dùthcha so, do Ruisia, agus gus an d’ fhàs e soilleir gu ’n robh Roinnean Chanada ri bhi air an tàthadh ri chéile, ni a thachair ’sa bhliadhna 1867, cha robh moran coltais gu ’m buineadh i do dhùthaich sam bith eile. Ach nuair chunnaic na Geancaich an dùthaich òg so a’ fàs suas ghabh iad eagal is cùram gu ’m faodadh i tighinn gu bhi tuilleadh is cumhachdach, agus smaoinich iad gu robh ’n t-àm aca feuchainn ri tilleadh a thoirt d’ am bana-choimhearsnach. Cha robh feum saoghalt’ ac’ air Alasca; ach air-son a cumail bho Chanada, chaidh a ceannach bho Ruisia, agus riamh o’n uair sin tha aimhreit eadar iad féin is Canada mu ’n chrìch. Tha stiall chaol de Alasca a ruith an oir a’ chladaich eadar Canada ’s an cuan mor, agus ’s ann mu ’n stiall sin a tha ’n aimhreit. Tha Canada a’ cur na crìche eadar an da dhùthaich faisg air a’ chladach, a’ toirt dhi féin cothrom air an fhairge ruigheachd, ach tha na Stàidean ga ’cur am mullach nam beann, a’ dùnadh Chanada air falbh o’n fhairge gu buileach. Tha iomadh bliadhna o’n thairg Breatunn a chùis a leigeil air beulaobh Ard-chomhairle a bheireadh breith cheart eadar an da dhùthaich, ach an tairgse sin cha ghabhadh na Stàidean. Tha e ri fhaicinn gu soilleir c’arson. Na ’m biodh na Stàidean cinnteach gur ann aice tha chòir, bhiodh i gle dheònach a’ chùis a chur fa chomhair Ard-chomhairle. Agus nuair nach eil i deònach sin a dheanamh, tha e ri thuigsinn gu bheil i fiosrach nach ann aice tha ’chòir, ach gu bheil i ’cur roimpe na tha i ’g agairt a chumail le làmhachas-làidir. Is tric a chluinnear na Geancaich ri uaill as an tapadh féin mar luchd-gnothuich, agus aidichidh sinn gu bheil aobhar uaill aca. Ach ann an déiligeadh ri dùthchannan eile, feumar aideachadh gu bheil iad gu tric a’ nochdadh nan ceart chuilbheartan a nochd righ Ahab o shean nuair a shanntaich e, ’s a chuir e roimhe gu ’n sealbhaicheadh e, fion-lios Naboit. Deagh Riaghladh. CLUINNEAR gu tric a bhi ’gearan air an dòigh sam bheil an dùthaich, na roinnean, na siorrachdan, ’s na bailtean, air an riaghladh. Tha moran de dhaoine firinneach, onarach, deagh-bheusach a’ buileachadh an tàlantan air-son math an dùthcha an aon dòigh no ’n dòigh eile timchioll an riaghlaidh, agus tha ’n duais aca ann am meas ’s an deagh-ghean an t-sluaigh. Ach, gu mi-shealbhach, tha moran eile ’faotainn lamh ’san riaghladh bho àm gu àm aig nach eil math dùthcha no ni eile na ’m beachd ach am math féin. Tha so air fàs cho cumanta ’s gu bheil àireamh nach beag de dhaoine matha an impis duslach cùisean-riaghlaidh a chrathadh dhe ’n casan agus cùl a chur riutha. Tha iad am barail nach gabh cùisean leasachadh agus air an aobhar sin a’ meas gur fhearr dhaibh an seachnadh gu buileach. Tha daoine a smaoinicheas gur urrainn daibh an dleasnas a chur dhiù air an dòigh sin a’ deanamh mearachd mhor. Anns an dùthaich so cha ’n e righ no uaislean a tha riaghladh, ach an sluagh, agus tha dleasnas-riaghlaidh air a leagail air gach duine nach comasach dha a sheachnadh. Am fear an ni dearmad air bhòtadh gach uair a tha taghadh ann, tha e ’deanamh tàir air aon de na sochairean a’s motha tha lagh na dùthcha ’buileachadh air. Agus am fear a bheir bhòt seachad air taobh ni no neach nach eil e dearbh-chinnteach a bhi ceart, tha e meas na sochair sin, a tha ro-phrìseil, air bheag luach. Ma tha riaghladh dùthcha, siorrachd no baile, math no olc, is ann le aonta ’s le deanadas an t-sluaigh fein. Ma tha mhor chuid dhiù toigheach air deagh riaghladh, ’s a’ stiùradh an oidhirpean le gliocas, gheibh iad deagh riaghladh. Ach ma bhios earann mhor dhiù caoin-shuarach mu ’n ghnothuch, ma ’s roghnaiche leis gach aon a chùisean pearsanta féin na math is leas coitcheann a dhùthcha, gheibh luchd nan cuilbheart an làmh an uachdar, agus bidh a’ chòir ’s an ceartas air an cur a thaobh. Cha ’n eil dòigh eile ann air cùisean-riaghlaidh a chumail mar bu chòir dhaibh a bhith ach gach aon de ’n t-sluagh a bhi cumail sùil fhurachail orra-san ris an d’ rinn iad an earbsa. Ma ni iad gu math, biodh iad air an duaiseachadh, ’s mur dean, biodh an àiteachan air an lionadh le muinntir a’s fhearr. Anns an obair so tha sinn uile co-ionann, ged nach bitheamaid mar sin ann an ni sam bith eile. Cùnntar bhòt an duine bhochd cho math ri bhòt an duine bheartaich; cha ’n aithnichear an dara té o’n té eile. Facal gu Leughadairean Mhic-Talla. BHA mi an là roimhe a rùrach am measg sheann leabhraichean, agus ciod a b’ iongantaiche leam na tighinn tarsuinn air seann àireamh de “Chuairtear nan Gleann.” Am measg gach naidheachd a bh’ ann, cha do chòrd aon dhiubh cho math rium ri litir bhlasda, phongail; agus cha robh facal innte ach an tul-fhìrinn. Le cead an fhir-dheasachaidh, bheir mi seachad earrann dhith anns a’ MHAC-TALLA. Freagraidh an litir a cheart cho math, tha mi smaointean, air àireamh de leughadairean MHIC-TALLA ’sa fhreagair i air leughadairean a’ “Chuairtear.” “Nach nàr e ri innseadh gu ’m bheil an earrann is lionmhoire am measg nan Gàidheal caoin-shuarach cia ac’ a ruigeas sibh iad no nach ruig. Cha ’n altaich iad bhur beatha. Cha toir iad cuireadh dhuibh a steach d’ an taighean; agus air dhaibh a bhi dall d’ an leas féin, leigidh iad leibh gabhail seachad. Na biodh a’ chùis mar so ni ’s fhaide. Tha cosdas mor na ’r lorg—cosdas nach tuig a h-uile fear; ach an déigh sin uile, bu bheag agus b’ eutrom e air gach aon fa leth d’ ur luchd-dùthcha, nan roinneadh iad ’nam measg féin e. Cha sòradh an Gàidheal sgillinn Shasunnach a chur am mach nan còmhlaicheadh e caraid aig taigh-òsda; agus cha bu mhor da sgillinn bhochd ruadh ’san t-seachdain a chumail as an tombaca, chum an earrann aige de chosdas a’ phaipear ìocadh. Tha na Goill a’ cumail suas na ficheadan de na paipeirean luideagach, leibideach, Gallda aca féin; agus is duilich, agus is truagh an ni e, mur cum na Gàidheil gu léir suas aon phaipeir cuimir, ceanalta, agus eireachdail, chum eòlas a chraobh-sgaoileadh air am feadh, ann an cainnt bhrìghmhor an dùthcha féin. Is math leam féin nach tuig na Goill a’ Ghàilig, air eagal gu ’m biodh fios aca gu ’m bheil sliochd nan garbh chrioch caoin-shuarach mu ’r timchioll.” Tha a’ bhliadhna so a nis a teannadh gu crìch. Agus nach biodh e na ni gasda do gach leughadair a th’ air deireadh ann am pàigheadh a’ MHAC-TALLA ’nan cuireadh iad uige a h-uile sgillinn ruadh a th’ aig’ orra. Bhiodh am fear-deasachaidh taingeil, toilichte aig toiseach na bliadhn’ ùir, agus cha chluinneadh na leughadairean aon ghearain uaithe gu ceann bliadhna eile. Tha mi glé chinnteach gu ’m bheil an t-àm air ruith seachad, mu am bheil am bàrd ag ràdh:— “Bha na Gaidheil ro aineolach, dall, Bha ionnsachadh gann na ’m measg: Bha ’n eolas cho tana ’s cho mall ’S nach b’ aithne dhaibh ’n call a mheas.” Nach bu chòir, mata, do na h-uile a th’ air deireadh ann am paigheadh a’ MHAC-TALLA a dhlighe fhéin a chur uige, gus gu ’m bi e mu dheireadh cho làidir, dreachar ’s nach bi de dhànadas aig mac màthar facal a ràdh ’na aghaidh. Criochnaichidh mi an litir so le ceathramh no dha eile de bhàrdachd Sheumais Mhic Griogair:— “Ach theid aineolas nis as an tìr, ’S gach cleachdadh neo-dhìreach, crom, Is meallaidh sinn sonas is sìth, Gun fharmad no stri ’n ar fonn. Theid sgoilean ’chur suas anns gach cearn, Bidh leabhraichean Gàilìg pailt, Bidh eolas is diadhachd a fàs, Thig gach duine gu stà ’s gu rath. Nis ‘togaidh na Gaidheil an ceann, ’S cha bhi iad am fang ni ’s mò’: Bidh aca àrd-fhoghlum nan Gall. Is tuigse neo-mhall ’na chòir; Theid innleachdan ’s oibrean air bonn, ’Chuireas saibhreas ’n àr fonn gu pailt, Bidh ’n diblidh cho laidir ri sonn, ’S am bochd cha bhi lom le h-airc.” Là an àigh! A’ guidhe soirbheachadh math agus saoghal fada do ’n MHAC-TALLA. Is mi bhur dearbh charaid, DOMHULL MAC NEILL. [Tha sinn an dòchas gu ’n gabh ar leughadairean comhairle “Dhòmhuill.” Tha moran dhiù air deireadh ann am pàidheadh. Gun teagamh cha ’n ann an rùn gun a phàidheadh idir a tha iad; tha iad direach a’ cur dàil ’sa ghnothuch. Ach far am bi dàil bidh dearmad, agus tha ’n dearmad gu tric a’ deanamh barrachd cron ’s a dheanadh fior naimhdeas. Tha sinn an dòchas gu ’n cluinnear uap’ uile romh Bhliadhn’ Ur.] [TD 82] [Vol. 11. No. 11. p. 2] Bha da urra rioghail air chéilidh air Righ Iomhar o chionn ghoirid—Impire na Gearmailt agus Righ Phortugal. Is dithis iad a tha gle eu-coltach ri chéile. Tha ’n t-Impire na dhuine mor, cumhachdach,—na ’bharail fhéin cha ’n eil a leithid eil’ ann—’s a’ rìgheachadh thairis air an dùthaich a’s fhaisge thig air Breatunn ann an neart de dhùthchannan na Roinn-Eòrpa. Tha Righ Phortugal, air an laimh eile, air ceann aon de na dùthchannan a’s lugha. Cha ’n eil a chumhachd ach beag ’s cha ’n eil a mhaoin mór. Ach tha e na dhuine ciùin, sìtheil, a tha ’n deagh chàirdeas ri ’shluagh, ’s a tha gabhail gach toileachas-inntinn a gheibh e á ’inbhe, ’s a’ seachnadh mar is urrainn dha gach uallach is iomaguin a thig na ’lorg. Cha’n fhada ’n ùine o’n chaidh ionnsuidh a thoirt air beatha Prionnsa Wales (Righ Iomhar) turus a bha e air chuairt ann am Belgium. Chaidh an duine thug an ionnsuidh air a chur an greim ach bha na Belgich aig an àm cho fad an aghaidh Bhreatuinn ’s nach do chuireadh peanas sam bith air. An la roimhe thugadh an ionnsuidh cheudna air an righ aca fhein le Eadailteach. Bidh am fear sin gun teagamh air a pheanasachadh gu cruaidh. Cha ’n e ’n ceartas a thug iad do ’n phrionnsa Bhreatunnach a bheir iad d’ an rìgh fein idir. Ma ’s e, tha eagal oirnn nach bi a shaoghal buan. Cha ’n eil ni a’s mò bheir misneach do luchd an uilc na dìth peanais. Tha an t-Ollamh Goldwin Smith an deigh ’eanachainn a thiomnadh do Oil-thigh Chornell, ’sna Stàidean, nuair nach bi e-fein a’ cur an còrr feum oirre. Anns an òil-thigh sin thatar a’ deanamh cruinneachadh de chaochladh eanachainnean—eanachainnean dhaoine glice ’s eanachainnean dhaoine aimideach—mar ioghnadh do luchd-amhairc ’s mar chuspairean-fiosrachaidh do luchd-foghluim. Naigheachdan. EASLAINTEAN AN SIDNI TUATH—Tha an triuthach gu dona ’s gu pailt ann an Sidni Tuath. Air an t-seachduin s’a chaidh chaochail triùir de chloinn òga leatha. Tha an fiabhras dearg mar an ceudna measg na cloinne ’sa bhaile sin, agus chaochail dithis leis an taobh a stigh de sheachduin. A’ BHREAC A RITHIST—Air an t-seachduin s’a chaidh bha dithis air am faotainn tinn leis a bhric ann an Louisburg. Ann am Port Hawkesbury, bha dithis no triùir tinn leatha, agus chaochail aon duine. Thòisich i anns a’ bhaile sin air bòrd da shoitheach a bha ’san acarsaid. Thatar a’ deanamh mach gu’n deach an tinneas a ghiùlain ann an seann aodach a cheannaich aon de na seòladairean ann am Boston. TELEGRAPH MHARCONI—Tha Marconi a nis cinnteach gu bheil a’ chùis gu soirbheachadh leis. Bha e ’faotainn fhiosan á Cornwall air bòrd an t-soithich-chogaidh air a thurus thar cuain, agus fhuaireadh fios no dha eadhon an deigh acair a thilgeadh mu choinneamh Shidni. O’n thainig e tha e ’g obair gu trang air na h-innealan a chur air ghleus ’sna tùir an Glace Bay, agus cho luath ’s a bhios sin criochnaichte, tha e ’n dòchas gu ’m bi a shoirbheachadh aithnichte do ’n t-saoghal. LAGH CHON IS CHAORACH—Ann an Newfoundland, tha lagh aca leis am faodar call nan caorach a theid a mharbhadh le coin a dheanamh suas le cìs a leagail air gach cù ’san sgìreachd. Bha cùirt air son riarachadh an lagha so na ’suidhe ann an Harbor Grace o chionn ghoirid, agus an deigh gach call a mheas a rinneadh air na tuath anaich an sin le coin a bhi marbhadh chaorach, chaidh cìs thri tasdain a leagail air gach cù beag is mor a bha ’san sgìreachd. Tha moran bhliadhnachan o’n chaidh an lagh so air an leabhar, agus thatar ga fhaotainn feumail fhathast. Ciamar a fhreagradh a leithid de lagh ann an cearnan de Cheap Breatunn? AN AMHACH-GHOIRT AN CATALONE—Tha an amhach-ghoirt air bristeadh mach ann an Catalone. Air an t-seachduin s’a chaidh bha i ann an ceithir teaghlaichean. Di-màirt air an t-seachduin so chaochail nighean do Niall Mac Amhlaidh (Niall Mac Thorcuill) aois cheithir bliadhn’ deug. Rinn an easlaint so bristeadh ’san teaghlach cheudna roimhe; aona bliadhn’ deug air ais thugadh air falbh am mac bu shine aig Mac-Amhlaidh. COLTAS A’ GHEAMHRAIDH—Tha coltas a’ gheamhraidh a’ tighinn air an t-sìde. Tha fuachd is beagan reothaidh ann gu tric, agus frasan sneachd a sileadh an dràsda ’s a rithist. Bha ’n talamh air a chòmhdach le sneachda an so uair no dha cheana, ach cha do mhair e fada. Ach an ceann tuath an eilein, an siorrachdan Inbhirnis is Victoria, thuit dlùth air troigh air an t-seachduin s’a chaidh, agus tha ’chuid mhor dheth gun leaghadh fhathast. MCNUTT AIR A DHITEADH—Ann an Truro, bha fear Morton McNutt air fheuchainn aig an t-suidhe mu dheireadh dhe ’n chùirt Mhoir air-son ionnsuidh a thoirt air a bhean ’s a mhàthair-cheile a mharbhadh. Chaidh a dhearbhadh gu soilleir air gu robh na ’bheachd a bhean a mhort, ged nach deachaidh leis. Fhuaireadh ciontach e agus thug am breitheamh dha fichead bliadhna ’san tigh-obrach. Bha McNutt na dhuin’ òg, ach dh’ fhàs e trom air an òl, agus chuir sin e dh’ imeachd air slighean an uilc. FEIN-MHORT ’SA MHEINN A TUATH—Thachair ni muladach ann an Centreville, sa mhèinn a Tuath, seachduin gus an raoir. Chuir Seumas Beuton, aon de na seann daoine bu mheasaile ’sa choimhearsnachd, crioch air a bheatha le e-fein a chrochadh ri sail anns an t-seileir. Bha e na dhuine a fhuair moran trioblaid ’san t-saoghal. Bha coignear chloinne aige, agus thug a chaitheamh air falbh ceathrar dhiù. Chaochail a bhean leis an easlaint cheudna, agus an dearbh fheasgar a chuir e crioch air fein chaochail nighean bràthar dha ’san aon tigh ris. Thatar a’ deanamh gu’n do chuir so uile ’inntinn air aimhreit, agus gu ’m b’ ann ’san t-suidheachadh sin a bha e nuair chuir e làmh na ’bheatha. Bha e tri fichead is deich biadhna dh’ aois. CUISEAN STUAMACHD—Tha cùisean stuamachd ann an Sidni a’ gluasad gu mall, ach, ma ’s math ar barail, gu cinnteach. Tha àireamh dhaoine a bh’ air an cur air leth an deigh na coinneamh moire a bh’ aig sluagh a bhaile ’san Rink, ag ullachadh air-son barrachd neart a chur air cùl an lagha, agus tha dòchas gu’m bi leasachadh mor air cùisean an ùine ghearr. Tha muinntir Shidni Tuath a’ gluasad ’san dòigh cheudna. Bha coinneamh aca ’n raoir aig an do rùnaich iad ionnsaidh làidir a thoirt air cur as do mhalairt an òil ’sa bhaile sin. Tha e gle choltach gu bheil an sluagh anns an da bhaile aontachail mu’n ghnothuch, agus ma leanas iad mar sin gun sgìtheachadh, soirbhichidh leotha. Tha e mar dhleasnas air gach aon aig am bheil math a bhaile ’s a dhùthcha na bheachd gach cuideachadh a’s urrainn dha a thoirt ’san aobhar so.—Tha e na ’ni creideasach do Shidni Tuath gu bheilear a’ cur cruaidh riuthasan a th’ air am faotainn ciontach de chreic stuth làidir ri Innseanaich. O chionn ghoirid chaidh càin ceud dolair am fear a chur air dithis air-son na cionta sin. Impire na Gearmailt. Tha an t-Impire Mòr ainmeil so anns an dùthaich an dràsd, agus tha ioghnadh air ioma fear mu na h-aobharan a thug e do na h-eileanan so aig an àm so. Tha e air a thuigsinn ann an ceàrnan sònraichte gu’m bheil e an déigh co-chòrdadh a dheanamh ri luchd-riaghlaidh Bhreatuinn mu chùisean ’s an àird-an-ear agus mu chòirichean eile ann an taobh deas Africa. Bidh e a ghnàth ’na ùrnuigh leis na Gáidheal gu’m biodh soirbheachadh a’ leantuinn ceuman nan Gearmailteach. Tha dàimhean eadar an dùthaich so agus a’ Ghearmailt ’sa h-Impire comasach a tha luachmhor air son math a’ chinne-dhaonna. Uime sin tha fàilte chridheil anns na h-eileannan so a ghnàth a’ feitheamh air teachd an Impire ghreadhnaich so do thìr ainmeil a sheanamhair far an do thòisich gaoil eadar a mhàthair ghrinn agus ’athair a bha ’na dhuine ionmholta am measg mhòran.—Oban Times. LITIR AS AN EILEAN SGITHEANACH. FHIR MO CHRIDHE,—Tha ùine mhor a nis o ’n a chuir mi an litir mu dheireadh ugad. Agus gus an fhìrinn ghlan innseadh dhut, tha car de nàire orm a chionn mi bhith cho fada gun sgrìobhadh g’ ad ionnsuidh. Ach faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi gu ’n robh mi smaointean ort tric gu leor, agus gur e mo dhùrachd gu ’n soirbheachadh gu math leat. “Ach,” ars’ thusa, “cha dean deadh dhùrachd agus a bhith ’smaointean orm gu tric dad na ’s mò de dh’ fheum dhomhsa na rinn na taingeannan do choileach a’ ghobha. Ge b’ e a tha air son a dhùrachd agus a dheadh rùn a chur an ceill dhomhsa, cuireadh e ’dhollair ugam gu riaghailteach a h-uile bliadhna, agus sgrìobhadh e ugam gu math tric.” A nis, a charaid, ged a theireadh tu a h-uile facal dhe so cha ’n abradh tu ach an fhìrinn. Tha mise ’creidsinn gu ’m faodadh an caraid a’s dìsle a tha agad barrachd a dheanamh air do shon na tha e ’deanamh. Mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna tha aire dhaoine, mar is trice, air a togail le bhith ’bruidhinn air gnothaichean a bhuineas do bhàrr na bliadhna. Air a’ bhliadhna so tha ’m fogharadh mòran na ’s fhadalaiche na bha e o chionn àireamh mhòr bhliadhnachan. Bha ’n t-earrach cho fliuch ’s cho fuar, agus bha leithid de reothaidhean ann ’s nach robh e sàbhailte do dhaoine an siol a chur anns an talamh. Bha a’ cheud mhios dhe ’n t-samhradh gu math fuar mar an ceudna; agus cha robh coltas gu ’m biodh aon chuid feur no arbhar math ann an àite sam bith air feadh na Gàidhealtachd. Ach ged a dh’ fhàs am feur ’s an t-arbhar anabarrach math anns a’ mhios mheadhanach dhe ’n t-samhradh, bha e soilleir gu leor gu ’m biodh am fogharadh gle fhadalach na ’s lugha na bhiodh aimsir gle mhath ann fad an fhoghair. Chaidh mios meadhanach an fhoghair seachad mu ’n d’ rinn daoine car air a’ bhuain; oir bha earrann mhor dhe ’n arbhar cho gorm ris a’ chreamh. Fhuair daoine am feur a chur fo dhion gun domail sam bith. Ach is gann gu ’n do chuireadh a’ bheag dhe ’n arbhar fo dhion fhathast. Agus tha achaidhean gun bhuain ri ’m faicinn ann an iomadh àite air feadh na dùthchadh. Tha pailteas de bhàrr air an talamh ma gheibhear a chur fo dhion; ach cha dean e min idir. Ni e siol cura ged nach ’eil e abaich. Feumaidh sinn uile bhith air ar beathachadh le min America; agus tha e ’na aobhar-toileachadh dhuinn a bhith ’cluinntinn gu ’m bheil barr math am bliadhna araon anns na Staidean agus ann an Canada. Ged nach ’eil dùil aig daoine ri ’bheag de mhin a dheanamh air an cuid barra fhein am bliadhna, tha e gu mòr ’nam fabhar gu ’m bheil am buntàta gu math pailt. Cha chualas ach gann iomradh air a’ ghaiseadh am bliadhna. Mar ’s trice tha ’m buntàta lionar agus garbh agus tioram. Ach tha ’n t-iasg anabarrach gann. Cha ’n ’eil duine beò aig am bheil cuimhne air an iasg a bhith cho gann. Cha ’n ’eil daoine ’tuigsinn ciod is aobhar dha so. Tha cuid a’ smaointean gu ’m bheil iasgairean nan lion-sgriobaidh (trawlers) an deigh an t-iasg, araon beag is mòr, a sgriobadh leotha bhar nan oitrichean. Tha ’n lagh an aghaidh dhaibh a dhol na ’s fhaisge na trì mile air tìr. Ach tha iad a’ bristeadh an lagha gu tric, ged tha bàtaichean-cogaidh an righ air ais ’s air aghart timchioll nan eilean gus an glacadh. Chaidh té dhe na bàtaichean-iasgaich so a ghlacadh ag iasgach an taobh a staigh dhe na criochan [TD 83] [Vol. 11. No. 11. p. 3] faisge air Steornabhagh air an t-seachdain so ’chaidh, agus chuireadh ceud punnd Sasunnach (no coig ceud dollair mar a their sibhse) de chàin air. Ged a tha na h-uiread dhiubh air an glacadh a h-uile bliadhna, agus càin throm air a leagadh orra, cha ’n ’eil iad toileach sgur de bhristeadh an lagha. Shoirbhich iasgach an sgadain anabarrach math le daoine ann an Steornabhagh, ann an Gallaobh, agus anns an aird an ear air an t-samhradh a chaidh seachad. Ach chaidh a’ chuid bu mhò dhe ’n iasg so gu ruige Rusia, agus a’ Ghearmailt, agus gu ruige àiteachan eile air Tìr-mor na Roinn-Eòrpa. Tha e air innseadh dhomh gu ’m bheil teaghlaichean anns an Eilean so a choisinn dlùth air ceud punnd Sasunnach am bliadhna aig iasgach an sgadain. Tha prisean matha air crodh ’s air eich ’s air caoraich am bliadhna. Thog an cogadh a bh’ ann an Africa prìs nan each gu mòr. Agus tha ’chùis coltach gu ’m bi prìs mhath air eich fad iomadh bliadhna ’na dheigh so. Ghabh daoine eagal o chionn ghoirid gu ’n éireadh prìs a’ ghuail ro àrd an uair a chual’ iad an aimhreit a dh’ éirich eadar na gualadairean agus na maighstirean anns na Staidean. Dh’ éirich a’ phrìs ann an Sasunn ann an latha no dhà; oir dh’ ordaich cuid de mhuinntir nan Staidean cunntas mhòr mhìltean tunna guail a chur g’ an ionnsuidh á Sasunn. Ach ged a dh’ ordaich iad cuid mhath de ghual a chur uca á Alba, sheas a’ phrìs mar a bha i roimhe. Tha sinn a nis toilichte gu ’n do chòrd na gualadairean agus na maighstirean mu ’n tuarasdal, agus nach bi feum tuilleadh air gual a thoirt á Breatunn. Is docha gu ’n saoil na tha beò fhathast dhe na Gàidheil a dh’ fhalbh as an dùthaich so nach ruig sinne a leas suim sam bith a ghabhail mu dheidhinn co dhiubh a bhios prìs a’ ghuail àrd no iosal; ach thainig atharrach mor air an dùthaich, agus air sluagh na dùthchadh o ’n a dh’ fhalbh iadsan. Tha na bogaichean mònadh a’ sior ruith am mach faisge air na rathaidean mòra; agus o’n a tha mòran dhe na daoin’ òga a’ falbh aig toiseach an t-samhraidh gu cosnadh sam bith a fhreagras orra anns a’ Ghalldachd, cha ’n urrainn do na seann daoine mòran a dheanamh air buain, air togail, agus air cruachadh mhònadh. Agus cha bhiodh ann ach gòraich do theaghlaichean fuireach aig na taighean gus a’ mhòine chruachadh an uair a choisneadh iad ann an aon seachdain aig obair anns a’ Ghalldachd barrachd air na dheanadh iad a dh’ fheum aig na taighean fad mhios. A bharrachd air a’ so, tha daoin’ òga an latha ’n diugh a’ smaointean nach bu chòir am faicinn ann am poll mònadh gu ’n dà ghlùin mar a bha na daoine o ’n d’ thainig iad. An uair a chi thu spalpaire de ghille òg an sid le ad m’a cheann, le ’chollair geal air, le uaireadair air a chliathaich, le ’bhriogais ghoirid, le stocainnean ballach de dh’ iomadh dath air a chalpannan cuimir, agus le bhrògan grinne as am faiceadh tu d’ fhailleas, cha smaoinicheadh tu gu bràth air iarraidh air a dhol gu ’dhà ghlùin do pholl mònadh. Agus mu dheidhinn gu ’n iarradh tu air nighinn òig, ghrinn, ghlain, le a falt air a phasgadh gu h-òrdail anns an fhasan a’s ùire air mullach a cinn, le crios dearg m’a meadhain air a dhùnadh le bucall airgid, le blouse grinn geal m’a com, le collair lace m’a h-amhaich, le skirt de lustre a chosg leth-chrùn an t-slat, agus le botunnan a tha ruighinn meall a’ chalpa dhi, a dhol a chur mhònadh bhar nam poll air a muin, cha bhiodh ann ach gnothach gun tùr dhut smaoineachadh air a leithid. Bu mhath an rud nan tugadh i steach ultach mònadh as a’ chruaich, no cnap guail, gus an teine chumail beò. Tha gillean agus nigheanan òga an diugh, mar is trice, a’ deanamh barrachd cuideachaidh le am pàrantan aig cosnadh math na dheanadh iad le fuireach aig obair thruim, shalaich aig na taighean. Tha iad a’ faotainn deadh thuarasdal anns na taighean cosnaidh, agus theid aca, ma bhios iad glic, deanadach, agus cùrmach mu ’n tuarasdal, air iad fhein a chumail gu grinn, glan, comhfhurtail, agus cuideachadh a dheanamh le am pàrantan. Ged a thug mi iomradh mar tha air mar a bha ’m bàrr cho fad air ais leis cho mi-fhàbharrach ’s a bha aimsir na bliadhna, feumaidh mi tuilleadh a radh. Tha na daoine a’s sinne, agus a’s fhearr cuimhne a tha beò ag radh nach cuimhne leotha bliadhn’ eile fhaicinn coltach ris a’ bhliadhna so. Eadar toiseach na bliadhna agus toiseach an t-samhraidh thainig a’ sia no ’seachd de shneachdanan troma; ach cha do mhair a h-aon diubh fada. Bu ghann a mhair a h-aon diubh na b’ fhaide na seachdain. Bha ’n t-sìde, o’n a thainig a’ bhliadhna anabarrach caochlaideach. Anns an iuchar, an uair nach bu ghnath le daoine teine fhaicinn ach am beagan a dh’ fheumteadh gu deasachadh béidh, dh’ fheumadh teine a bhith anns gach seòmar anns am biodh daoine suidhe. Agus chunnaic mi uair is uair teine air a chur anns na seomraichean-cadail ann am meadhain an iuchair! Thigeadh beagan laithean de shìde cho blàth ’s a dh’ iarradh duine, agus an sin thigeadh sìde fuar, fliuch. As a’ so dh’ eirich iomadh droch cnatan am measg dhaoine. Ged a tha ’n litir so fada gu leor, tha aon naigheachd agam ri innseadh air nach bu choir dichuimhn a dheanamh, agus is e sin gu ’n do chuir an righ agus a’ bhanrigh urram mhor oirnn an uair a thainig iad do Loch-sniodhasart, agus a chuir iad seachad an oidhche aig acaire ann am Bagh Uige. Beagan ùine an deigh do na luingeas tighinn gu àit’ acaire—bha ceithir ann dhiubh, yacht an righ, agus trì luingeas-chogaidh a bha falbh ’na chuideachd—chaidh an righ ’s a’ bhanrigh gu tir, agus choisich iad suas mu leith-mhile o cheann na laimhrig. Rinn muinntir Uige fodhail mhor riutha. An uair a dhorochnaich an oidhche chuireadh tein-aidhir suas ann an ùine ghoirid air cnoc àrd faisge air a’ chladach, agus dh’ òladh deoch-slàinte an righ agus na banrigh uair is uair aig an tein-aidhir mu ’n robh e dà uair dheug ’s an oidhche. Tha airgiod air a chur cruinn mar tha gus cuimhneachan air choireiginn a bhith ann an Uige air an latha chaidh an righ ’s a’ bhanrigh air tìr—feasgar a’ cheud latha de Sheptember. Bha amhrus aig daoine gu ’n taghladh an righ ann an aiteiginn ’san Eilean Sgitheanach, agus bha dùil aig muinntir Phortrigh gur ann orra fhein a chuireadh e an urram; agus air an aobhar sin bha iad car mi-thoilichte nach do thaghail e orra. Is mi do charaid, IAIN. Latha Samhna, 1902. LITIR A SIDNI-A-TUATH. GED nach do sgrìobh mi ga d’ ionnsuidh air a mhios s’a chaidh, feumaidh mi radh gur h-e a b’ aobhar dha sin, mar thuirt Ruairidh Friseal, ’s neach eigin air ceist a chur air mu ni-eigin air nach freagair dhomh tigh’n thairis, “A chabhaig! a chabhaig!” Ach, cabhagach ’s mar tha mi, leig mi seachad m’ obair re ùine air an fheasgar an diugh a chum còmhradh a bhi agam ri aon de na daoine a’s sine ’tha ’sa bhaile so, ’s e air tighinn ga ’r faicinn. ’S ainm dha Somhairle Mac-a-Phì, a rugadh ’s a dh’ àraicheadh an Cillemhoire ’san Eilean Sgitheanach. Ged tha e gle aosda, agus gun chomas siubhal ach gu mall le comhnadh a’ bhata, tha cuimhne mhath aige air iomadh ni a thachair an làithean òige ’san t-seann dùthaich. Air do ’n òran “An gleann ’san robh mi òg” a bhi air a ghabhail dha, agus beagan de eachdraidh “Ghilleasbuig aotruim” air a leughadh á “Clàrsach an Doire,” tharruing sin e gu beagan air an robh e féin fiosrach mu thimchioll Ghilleasbuig innse dhuinn. Tha cuimhne mhath aige air àm ’s na theab e féin tràghadh le sròn-shileadh; agus air dha a bhi cho anmhunn an deigh sin ’s gu ’n robh e ùine ghoirid air an leabaidh, co a thigeadh a dh’ ionnsuidh an taighe air là àraidh, ’s gun a stigh ach a’ mhàthair ’s e féin, ach Gilleasbuig agus sùgan air a shuaineadh mu ’chois chli bho ’bonn gus os ceann na glùine, ni a bha nochdadh gu soilleir, a dh’ aindeoin gleusdachd Ghilleasbuig, gu ’n robh mòran ga ’dhìth. ’Nuair a chunnaic e Somhairle air an leabaidh, dh’ fhaighnich e dheth dé bha cur ris. Fhreagair esan nach robh fhios aige gu ro mhath, ach gur beag nach d’ eug e le sròn-shileadh. “Ud,” arsa Gilleasbuig, “cha ’n eagal duit! Tha mise dol a mach gun dàil, agus cha ’n ’eil cailleach mu ’n cuairt air nach toir mi cearc agus uibhean a chur ugad.” Ma rinn e mar gheall e cha ’n ’eil fios agam. Mu ’n àm sin féin chaidh Gilleasbuig, agus sgonn math bata ’na dhòrn, gu taigh duine ’sa choimhearsnachd do ’m b’ ainm Domhnull Ros. Thachair gu ’n robh Domhnull agus a mhac a mach ’san fhearann, agus nach robh a stigh roimh Ghilleasbuig ach bean Dhomhnuill agus beagan de mhnathan eile a thachair a bhi maille rithe. Dh’ iarr Gilleasbuig air bean an taighe an soitheach ’san robh i a gleidheadh an uachdair a thoirt uige gun dàil. Cha robh math teannadh ri diùltadh, ’s rinn i mar a dh’ iarr e. Thuirt e ’n sin ris na mnathan gach aon diubh a bhi nall agus iad féin a riarachadh as an uachdar. ’Nuair a bha iad air an sàsachadh, thuirt e riutha iad a bhi air am bonnan, agus tòiseachadh air dannsa. B’ fheudar deanamh mar sin, agus smùid aig Gilleasbuig féin air gabhail phort daibh, gus an robh iadsan gu toirt suas. ’Nuair bha Domhnull Ros agus a mhac a toirt dùil nach rachadh an gairm gu dinneir idir an latha sin, thug iad an dachaidh orra, far am faca iad mar bha—Gilleasbuig a portaireachd, agus na mnathan truagha, ’s am fallus g’ an dalladh, gu tuiteam bhar an casan. Fhuair iad fuasgladh, ’s bha feum air, nuair thuirt Domhnull, “Tha ’n ruidhle air a bhi fada gu leor cheana, a Ghilleasbuig.” Nach b’ fhìrinn dhomh a radh gu ’n robh mi cabhagach ’nuair tha co’-la-deug air dol seachad o’n sgriobh mi na tha air thoiseach. Ach mar thuirt an gille Eirionnach, “Ma bhios mi beò gus am faigh mi bàs, bidh suil agam gu ’m bi gnothuichean ni ’s usa dhomh.” Bha mi air sràid ìosal a bhaile air an fheasgar so, agus o’n tha moran luchd-obrach air am fasdadh aig cuideachd an tramway, tha ’n obair a dol air adhart gu foghainteach. Tha na reilichean air an leagadh air cuid mhath dhe ’n t-sràid sin, agus ma bhuanaicheas an aimsir fàbharrach, gheibh iad air adhart gu math. Air dhomh a bhi aig laimhrig Mhoore ré uine ghoirid, agus am bàt’-aiseag direach air tighinn á Sidni, dé thachair ach gu ’n do thuit misgeir truagh thar an taobh do ’n uisge. An deigh dha tighinn an uachdar chaidh ròp a shìneadh uige o’n bhàta, ach o nach b’ urrainn e greimeachadh ris cho teann ’s gu ’n gabhadh e togail air bòrd, chaidh a shlaodadh cho fada as an uisge ’s gu ’n d’ fhuaras a chur na ’shuidhe aig deireadh bàta beag a ghreas d’a ionnsuidh. Ach, mo laochain! ged bha ’chasan fhathast anns an uisge, as a sid cha robh e air son tighinn, ach ’s ann a dh’ fheuch e a dheud air an ròp a bha gu theasair [TD 84] [Vol. 11. No. 11. p. 4] gin ’san dòchas amaideach gu ’n rachadh aige air a ghearradh, ged bha e mu òirleach gu leth an gairbhead. Thuirt barrachd is aon duine ris gu ’n robh e nis air deadh “chold bath” fhaotainn; ach na ’m biodh esan agus mòran d’a leithid cho glic ’s gu ’n gleidheadh iad an goilean bho “hot bath” luchd-deanamh mhisgeirean, sheachnadh iad moran dhe na truaighean a tha ghnath an lorg an stuth mhallaichte. M. D. Nov. 21, 1902. SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. XI. GED a bha ’n t-ard-chomhairleach a’ miannachadh gu mor a bhith ann an cleamhnas ris an righ, chunnaic e gu ’n robh a mhac suidhichte gu ’n rachadh sgaoileadh a chur anns a’ phosadh. Chaidh e gun dail far an robh an righ, agus an uair a dh’ innis e dha mu ’n staid anns an robh a mhac fad an da oidhche roimhe sid, ghuidh e air sgaoileadh a chur anns a’ phosadh, agus cead a thoirt dh’ a mhac falbh as an luchairt. Thuirt e nach robh e ceart a’ bhan-phrionns’ og fhagail na b’ fhaide anns a’ chunnart eagalach anns an robh i. Dh’ aontaich an righ anns a’ mhionaid gu ’n deanteadh mar a bha ’n t-ard-chomhairleach ag iarraidh, agus thug e ordugh gun dail stad a chur air an fhodhail ’s air a’ ghreadhnachas a bha ’dol air aghart anns an luchairt, agus anns a’ bhaile; agus chuireadh fios do gach cearn dhe ’n rioghachd stad a chur air a’ ghreadnachas a bha ’measg an t-sluaigh. Ann an uine ghoirid sguir an gairdeachas a bha ’n sluagh a’ deanamh. Chuir so an sluagh anns gach aite gu moran bruidhne, agus gu bhith ’feuchainn ri fios an aobhair fhaotainn am mach; ach cha robh fios ri fhaighinn ach gu ’n d’ fhalbh an t-ard-chomhairleach agus a mhac as an luchairt, agus iad gle throm-inntinneach. Cha robh fios an aobhair aig neach sam bith ach aig Aladin. Rinn e gairdeachas na chridhe air son cho math ’s a shoirbhich leis le cuideachadh a’ chruisgein. Bha ’m posadh air a chur mar sgaoil, agus bha ’m fear ris an do phosadh a’ bhana-phrionnsa an deigh falbh as an luchairt. Ach cha robh cuimhne sam bith aig an righ no aig an ard-chomhairleach air Aladin, agus idir cha robh smaointean aca gu ’n robh lamh sam bith aig Aladin anns an draoidheachd leis an do chuireadh am posadh mar sgaoil. Ach air a shon sin, cha do chuir Aladin dragh air an righ gus an deachaidh na tri miosan seachad, mar a dh’ ainmich an righ dh’ a mhathair. Air an latha an deigh do ’n uine so a dhol seachad chuir e ’mhathair do ’n luchairt a chum a ghealladh a chur ann an cuimhne do ’n righ. Chaidh mathair Aladin do ’n luchairt mar a dh’ iarr a mac oirre, agus sheas i ann an seomar na comhairle mu choinneamh an righ mar a b’ abhaist dhi. Cha bu luaithe ’thug an righ an aire dhi na dh’ aithnich e i; agus ghrad chuimhnich e air aobhar a gnothaich, agus an uine o ’n a chunnaic e roimhe i. Air an aobhar sin, an uair a bha ’n t-ard-chomhairleach a’ dol a leughadh an orduigh anns an robh gnothaichean an latha gu bhith air an deanamh, chuir an righ stad air, agus thuirt e: “Ard-chomhairlich, tha mi ’faicinn na deadh mhna a thug dhomh tiodhlac o chionn tri miosan; stad gus an cluinn mi ciod a th’ aice ri radh.” Sheall an t-ard-chomhairleach an rathad a bha i, agus thug e ordugh do ard-oifigich a toirt gu beulaobh an righ. Thainig i gu bonn na righ-chathrach, agus leig i i-fhein ’na sineadh mar a b’ abhaist dhi; agus an uair a dh’ eirich i ’na seasamh, dh’ fheoraich an righ dhith ciod a bha i ’g iarraidh. “Mo thighearna,” ars’ ise, “thainig mi, ann an ainm mo mhic, Aladin, a chur ’n ’ur cuimhne gu ’n deachaidh na tri miosan seachad, tha mi ’guidhe oirbh gu ’n cuimhnich sibh air bhur gealladh.” An uair a gheall an righ gu ’n tugadh e ’nighean do dh’ Aladin ri posadh, cha robh e ’smaointean gu ’n cluinneadh e guth gu brath tuilleadh mu dheidhinn a’ ghnothaich. Bha fhios aige nach biodh a nighean deonach Aladin a phosadh o ’n a bha coltas na bochdainn air a mhathar araon ’na cruth agus ’na h-eideadh; oir bha e soilleir gu leor dha nach robh innte ach boirionnach cumanta. Ach bha e fo dhragh gu leor an uair a chunnaic e i ’tighinn a dh’ iarraidh air seasamh ri ’ghealladh. Cha d’ thug e freagairt dhi gus an do chuir e an toiseach a chomhairle ris an ard-chomhairleach, do ’n do leig e ris nach robh toil aige a nighean a thoirt do choigreach aig nach robh, a reir choltais, a’ bheag de mhaoin an t-saoghail so. Dh’ innis an t-ard-chomhairleach gu saor do ’n righ a bheachd air a’ chuis, agus thuirt e ris: “A reir mo bharail-sa, mo thighearna, tha doigh ro mhath ann gu stad a chur air a’ phosadh mhi-choltach so, eadhoin gun aobhar gearain a thoirt do Aladin, ged a bhiodh bhur morachd na ’s eolaiche air na tha sibh; agus is e sin, gu ’n iarr sibh air tiodhlac a thoirt dhuibh nach bi e comasach air a thoirt seachad. Is e so an aon doigh leis an toir sibh air sgur a bhith ’g iarraidh oirbh bhur nighean a thoirt dha; agus is cinnteach nach do smaoinich e riamh air a’ so.” Chord a’ chomhairle so ris an righ, agus an uair a chaidh e fo ’smaointean car tiotaidh, thuirt e ri mathair Aladin: “A bhean mhath, tha e fior gur coir do righrean cumail ris na geallaidhean a bheir iad seachad, agus tha mise deas gu cumail ris a’ ghealladh a thug mi fhin, le mo nighean a thoirt do d’ mhac-sa ri ’posadh. Ach o nach urrainn domh a toirt dha gus an toir e dhomh an toiseach tiodhlacan luachmhor mar dhearbhadh gu ’m bheil e lan-airidh air mo nighean fhaotainn, abair ris gu ’m faigh e i an uair a chuireas e g’ am ionnsuidh da fhichead mias oir, luma lan dhe ’n t-seorsa sheudan a chuir e ’g am ionnsuidh roimhe, da fhichead seirbhiseach dubh a’ ghiulan an da fhichead mias, agus da fhichead maighdionn og mhaiseach ann an trusgain riomhach. Air na cumhnantan so bheir mi dha mo nighean ri ’posadh; air an aobhar sin, a dheadh bhean, bi falbh agus innis so do d’ mhac, agus feithidh mise gus an tig thu le fios freagairt.” An uair a leig mathair Aladin i fhein ’na sineadh an dara uair air beulaobh an righ, dh’ fhalbh i dhachaidh. Air an rathad dhachaidh, bha i gaireachdaich ’na h-inntinn fhein a chionn cho amaideach ’s a bha na beachdan a bh’ aig a mac. Ars’ ise rithe fhein: “C’ait’ am faigh e ’n aireamh ud de mhiasan mor’ oir, agus glaine dhathte gu leor gus an lionadh? Am feum e dhol a rithist do na taighean fo thalamh, agus an toirt bhar nan craobh? Ach c’aite am faigh e an aireamh sheirbhiseach a tha ’n righ ag iarraidh? Tha barrachd air iarraidh air na theid aige air a thoirt seachad, agus tha mi ’creidsinn nach bi e gle thoilichte leis an teachdaireachd a th’ agam dha.” An uair a rainig i dhachaidh, agus na smaointean so air a h-inntinn, thuirt i ri Aladin: “A mhic, is e mo chomhairle dhut gun a bhith smaointean tuilleadh air nighean an righ a phosadh. Bha ’n righ gle chaoimhneil rium, agus tha mi ’creidsinn gu ’m bheil meas aig’ ort sa; ach mur do mheall mo bharail mi, thug an t-ard-chomhairleach air inntinn atharrachadh, mar a dh’ fhaodas tu fhein a thuigsinn o na th’ agamsa ri innseadh dhut. An deigh dhomh a chur ’na chuimhne gu ’n deachaidh na tri miosan seachad, ghuidh mi air cumail ri ’ghealladh; ach thug mi ’n aire gu ’n do chuir an t-ard-chomhairleach cagar ’na chluais mu ’n d’ thug e freagairt dhomh.” An sin dh’ innis i dha facal air an fhacal mar a thuirt an righ rithe, agus na cumhnantan air an robh e toileach a nighean a thoirt dha ri ’posadh. Na dheigh sin thuirt i ris: “Tha ’n righ ag iarraidh fios-freagairt anns a’ mhionaid; ach tha mise ’creidsinn gu ’m faod e bhith ’g a fheitheamh fada gu leor.” “Cha bhi e cho fada ’g a fheitheamh ’s a tha sibh a’ smaointean, a mhathair,” ars’ Aladin. “Tha ’n righ ann am mearachd ma tha e smaointean gu ’n cum an tiodhlac mor a tha e ’g iarraidh a nighean uamsa. Ach tha mi gle thoilichte; is suarach na dh’ iarr e seach na rachadh agamsa air a thoirt dha. Am feadh ’s a bhios mise ’smaointean air ciod is coir dhomh a dheanamh a chum an righ a riarachadh, theid sibhse a dheasachadh na dinnearach.” Cha bu luaithe chaidh a mhathair do ’n mhargadh a cheannach nithean a bha dhith oirre na thug Aladin lamh air a’ chruisgean. Agus an uair a thug e suathadh air, thainig am fathach, agus thairg e obair sam bith a dheanamh dha. “Tha ’n righ a’ toirt a nighinn dhomh ri ’posadh,” ars’ Aladin; “ach tha e ’g iarraidh orm an toiseach da fhichead mias oir a thoirt dha, luma lan dhe na measan a th’ anns a’ gharadh as an d’ thug mi ’n cruisgean; agus tha e ’g iarraidh gu ’m biodh na miasan air an toirt g’ a ionnsuidh le da fhichead seirbhiseach dubh, agus gu ’m biodh da fhichead searbhant’ og, mhaiseach ann an trusgain riomhach ag imeachd rompa. Bi grad falbh, agus thoir na tiodhlacan so g’ am ionnsuidh-sa, a chum gu ’n cuir mi g’ a’ ionnsuidh iad mu ’n sgaoil a’ chomhairle.” Cha bu luaithe fhuair am fathach an t-ordugh so na chaidh e as an t-sealladh. Agus ann an uine ghoirid thill e le da fhichead seirbhiseach agus mias oir air ceann gach fir dhiubh, lan dhe na seudan bu luachmhoire bh’ anns an t-saoghal. Bha aodach airgid air oibreachadh le snath oir a’ comhdach gach meise. Bha da fhichead searbhant’ og mhaiseach aige mar an ceudna, agus iad ann an trusgain anabarrach riomhach. Bha ’n taigh, agus a’ chuirt a bh’ air a bheulaobh, agus an garadh a bh’ air a chulaobh, air an lionadh leotha. An uair a thuirt Aladin ris an fhathach nach robh tuilleadh feum’ aig air an lath’ ud, dh’ fhalbh e. An uair a thainig mathair Aladin dhachaidh chuir na bha de shluagh agus de dh’ ionmhas aig an taigh ioghnadh gu leor oirre. An uair a chuir i am biadh a thug i dhachaidh as a laimh, bha i dol a chur dhith an t-sroil a bh’ air a h-aghaidh; ach cha leigeadh Aladin leatha. “A mhathair,” ars’ esan, “na biomaid a’ cur seachad na h-uine gun fheum. Bu mhath leam gu ’n rachadh sibh do ’n luchairt leis an tiodhlac so mu ’n sgaoil a’ chomhairle, a chum gu ’m faic an righ cho deas agus cho toileach ’s a tha mi gus tochradh math a thoirt dha air son a nighinn.” Gun fheitheamh gus an tugadh a mhathair freagairt dha, dh’ fhosgail Aladin an dorus, agus leig e leis na searbhantan a dhol am mach. Bha iad a’ falbh an deigh a cheile anns an ordugh so: Bha searbhanta gheal air thoiseach, agus seirbhiseach dubh a’ falbh ’na deigh agus mias oir lan sheudan air a cheann. An uair a dh’ fhalbh iad uile anns an ordugh so, agus a mhathair a’ cois [TD 85] [Vol. 11. No. 11. p. 5] eachd ’nan deigh, dhuin Aladin an dorus, agus chaidh e d’ a sheomar fhein, agus dochas laidir aige gu ’n tugadh an righ dha a nighean ri posadh mar a gheall e. Cha bu luaithe ’chaidh a ’cheud te dhe na searbhantan am mach as an taigh na ghabh an sluagh a bh’ air an t-sraid beachd oirre, agus sheas iad far an robh iad; agus mu ’n deachaidh iad uile ’mach as an taigh bha aireamh mhor shluaigh air cruinneachadh air an t-sraid, oir bha ’n sealladh maiseach agus neo-chumanta. Bha na trusgain a bh’ umpa gu leir anabarrach riomhach. Bha ’n t-aodach riomhach, agus bha moran sheudan orra. Bha na h-or-cheardan a’ meas gu ’m b’ fhiach na bha de sheudan orra gu leir millein bonn oir. A bharrachd air a so, bha iad ’nan cruth ’s nan dreach ’s ’nan gluasad gun choimeas anns an t-saoghal. Bha iad a’ coiseachd anns an aon astar o cheile le ceum stolda; agus bha ’n lainnir a bha as na sheudan leis an robh na criosan oir a bh’ umpa air an deanamh maiseach, na clachan luachmhor a bh’ anns na ceannaodaich a bha orra, agus gach ni eile a bha ri fhaicinn mu ’n timchioll, a’ cordadh ris an t-sluaigh cho fior mhath ’s nach b’ urrrainn daibh gun a bhith sior amharc orra. Bha na sraidean troimh ’n robh aca ri dhol cho dumhail ’s nach robh e ’n comas ach gann do dhuine gluasad as an aite ’s an robh e. Mar a bha iad a’ dol air an aghart troimh ’n bhaile bha ’n sluagh a’ faotainn cothrom air deadh shealladh a ghabhail dhiubh gus mu dheireadh an d’ rainig iad an luchairt. (Ri leantuinn.) COMHRADH EADAR CUAIRTEAR NAN GLEANN AGUS EACHANN TIRISDEACH. CUAIRTEAR.—An ann a rithist, Eachainn? Cha chreid mi nach ’eil leannan agad ’s a’ bhaile-mhor; cha ’n urrainnear do chumail as. EACHANN.—Cha ’n ’eil, cha robh, agus cha bhi! Chaidh laithean mo leannanachd fhein seachad, ’s ged bhithinn og ’s air toir mnatha, da-rireadh cha ’n ann am measg ghuanagan a’ bhaile-mhoir a rachainn a shuiridhe; ’s olc a fhreagradh iad do m’ leithid—ach suidhidh mi le ’r cead air a’ chathair—tha mo cheann ’s an tuainealaich. C.—Ciod so ’dh’ eirich do d’ cheann, Eachainn? E.—Thig e uaithe ri uine, tha dochas agam, ach cha seasadh ceann iaruinn, gun ghuth air eanchainn chumanta an t-aite ’n robh mise an diugh. C.—C’ait’ an robh thu Eachainn? E.—An robh mi! Ma ta, le ’r cead, cha ’n ann gu droch fhreagairt a thoirt duibh—’s coma c’ait’ an robh mi—bithidh latha ’s bliadhna mu ’m bi mise ’s an aite cheudna ’rithist. Nach robh mi ann am Paisley air carbad na smùide; ach c’arson a bhithinn a’ gearan; ’s ann agam tha ’n t-aobhaa taingealachd gu ’m bheil mi beo, ’s nach do sheideadh a suas mi am bhloighdean anns na speuraibh. O, b’ e bhi ’buaireadh an Fhreasdail, do dhuine sam bith ’n a bheachd, cuid a chunnairt a ghabhail d’ a leithid a dh-aite, fhad ’s a tha comas nan cas aige, no dh’ fhaodas e suidhe an cairt shocraich, chiallaich, air boitein connlaich. C.—An ann mar sin a tha thu ’labhairt mu ’n aon doigh shiubhail a’s innleachdaiche ’fhuaras riamh am mach le mac an duine? E.—Cha ’n ’eil ceist nach ’eil i innleachdach; cha ’n ann an sin tha ’n fhailinn, ach an cluinn sibh mi—b’ fhearr leam latha ’ghabhail g’ a choiseachd no dol an dàil na h-upraid cheudn’ a rithist. Cha robh mi tiota air falbh innte ’n uair a bheirinn na chunnaic mi riamh gu ’n robh mi aon uair eile air bonn mo choise air fonn, no ged a b’ ann suas gu m’ amhaich am mach air a’ mhuir. Fheara ’s a ghaoil! b’e sin an carbad siubhlach; tha mi am barail na ’n gabhadh e air ’aghart uair an uaireadair na b’ fhaide gu ’n robh m’ eanchainn mar bhrochan an claigeann mo chinn. C.—Seadh, Eachainn, innis domh mar thachair. E.—Tha mac agam, mar tha fhios agaibh, ’s an aite so,—gille deanadach, glic, grunndail. Tha mi ’deanamh dheth gu ’m bheil suil aige ri mnaoi fhaotainn ann am Paisley, ’s cha ’n fhoghnadh leis gun mise ’dhol a mach g’ a h-amharc. Cha robh mi deidheil air carbad na smuide, ach bha Niall (’s e sin ainm mo mhic), agus buirdeasach og eile, sgaomaire ’mhuinntir an Obain a bha maille ris, deidheil air feala dha ’bhi aca air mo thàilleadh. A stigh do charbad na smuide chairich iad mi; ag radh rium gu ’m bithinn cho socrach, shamhach, fhoisneach ’s ged a bhithinn ann an cathair-mhoir taobh an teine. Ghabh mi beachd air a’ charbad—chunnaic mi fear na stiurach a’ gabhail ’aite, le ailm iaruinn ’n a laimh, agus fear eile ’s an toiseach mar gu ’m biodh fear-innsidh nan uisgeachan ann, ag amharc a mach. Bha smuid as an t-simileir ’s na h-uile ni samhach, socrach na ’s leoir. Chaidh mi ’stigh, agus shuidh mi dluth do ’n uinneig chum sealladh a bhi agam air an duthaich. Tiota beag ’n a dheigh sin chuala mi beuc mor—ran tuchanach ard, agus an sin fead oillteil. “Ciod e so?” arsa mise ri Niall; rinn esan ’s an Latharnach gaire. “Sud agaibh, athair” arsa Niall, “sitirich an eich iaruinn, ’s e ’togairt falbh.” “Sitirich na h-oillt!” arsa mise “leig a mach mi.” Ach bha ’n dorus air a dhruideadh. Thug an t-each iaruinn stadag—bhuail an carbad anns an robh mise am fear a bha roimhe, agus bhuail am fear a bha ’n a dheigh am fear anns an robh sinne, ’s cha mhor nach do phronnadh m’ fhiaclan an aghaidh a cheile. Thug e ràn eile, agus fead; agus an sin leig iad siubhal a chas da—’s thàr e as. Thoisich an stairrich ’s a’ ghleadhraich. “An i so a’ chathair-mhor, a Néill?” arsa mise. Bha e ’dol a nis ’n a shiubhal, ’s cha b’ e siubhal an eich, no luas an fheidh; cha tugadh ceithir chasan riamh do bheo-chreutair air an talamh a bhos, no sgiathan do dh-eun ’s na speuraibh shuas a chumadh ris. Cha d’ thubhairt mi fhein diog—rinn mi greim bàis, gun fhios c’arson, air an aite-shuidhe. Dhuin mi mo bheul—chas mi m’ fhiaclan, mu ’n cuirinn troi’ m’ theangaidh iad—dh’ fhorc mi mo chasan gu daingeann, ’s bhithinn ceart shuarach ged robh mo chlaisteachd ’s a’ chiste ruaidh ann an Tirithe ’s mi fhein cho bodhar ri Iain Balbhan. Chuir Niall a bheul ri m’ chluais—“Athair” ars’ esan “am bheil sibh ’n ur cadal?” “Uist!” arsa mise “bi samhach.” Chuir an t-Obanach og a cheann ri m’ chluais. “Eachainn,” ars’ esan “nach e’n t-each iaruinn fhein an gille? “Uist!” arsa mise. Bha mi ’nis a thighinn gu seorsa de thur, ghabh mi misneach, ach bha seorsa de nair’ orm; oir bha bean mhor, shìodach, reamhar, ’s a’ charbad, agus ge b’ ard gleadhraich an eich iaruinn, bha a guth cho ard, agus a teanga neo-ar-thainig cho luath. Bha ’n uinneag fosgailte; dh’ amhairc mi ’mach a ghabhail seallaidh air an t-saoghal, ach ghrad spion iad air m’ ais mi. “Thoir an aire dhuit fhein,” ars’ iadsan, “cum a, stigh do cheann air neo theagamh gu ’m fag thu mile ’d dheigh e mu ’n ionndrainn thu o d’ ghuaillibh e.” Ghrad tharruing mi air m’ ais, ’s bu mhaith gu ’n d’ tharruing, oir chuala mi geumnaich agus ranaich oilltell a’ dluthachadh oirnn. Cha robh a’ mhuc-mhara sin riamh air cuan a dheanadh seidrich coltach ris. Thainig seorsa de bhreislich orm—ach ghrad chaidh steud-each iaruinn eile seachad oirnn—’n a ruith ’s na dheann-ruith, a’ seidrich ’s a’ feadalaich le boile ’thug orm criothnachadh le h-oillt. Bha na ficheadan carbad ’n a dheigh ach cha deachaidh peileir riamh o bheul a’ ghunna-mhoir le luas a bu mho na chaidh iad seachad oirnn. Cha robh duil agam gu ’n robh leud na ludaig eadar an da charbad ’s na ’m biodh iad air a cheile ’bhualadh, c’ait’ an sin an robh Eachann? Tharruing mi m’ anail. “Tha ’n sud aon rudha fodhainn,” arsa mise rium fhein. Dh’ fheuch mi ’nis beachdachadh air an duthaich mu ’n cuairt, ach cha robh so comasach; cha robh a’ bheag air am b’ urrainn an t-suil socrachadh ach a h-uile achadh, a’s craobh, a’s cnoc, a’s tigh, a’ ruith mu’ n cuairt an deigh a cheile; tighean mor’ a’ tighinn ’s an t-sealladh, ach ge b’ fhada bhuainn iad cha fhada ’gan ruigheachd—ann am prioba na sula bha sinn seachad orra. Chunnaic mi achadh air an robh moran mhulan a’s rucan feoir. Bha iad a’ ruith mu ’n cuairt, a h-uile h-aon air a bhonn fhein mar ghille-mirein, ’s an iomlan mar gu ’m biodh iad a’ dannsadh ceithir-chuir-fhichead Ruidhle-thulachain. Dh’ fheuch mi an aireamh ach mu ’n do chunnt mi leth-dusan diubh bha iad as an t-sealladh. Bha mi ’nis ga m’ fhaireachduinn fhein rudeigin socrach, agus an t-eagal ga m’ fhagail, ’n uair a thainig an dubh-dhorchadas oirnn! Cha robh grian no leus soluis ann, creag mhor dhubh ri cliathach a’ charbaid agus an aon fhuaim fhasail, eagalach, air chor agus eadar ranaich an eich iaruinn, gleadhraich na h-acfhuinn agus co-fhreagradh mhic-talla ’s an uaimh dhuirche tre ’n robh sinn a’ dol, gu ’n robh mi uile gu leir fo eagal na bu mho na bha mi fhathast—air mo bhodhradh, air mo dhalladh, ’s mo cheann ’s an tuainealaich. “Ciod e so?” arsa mise ri Niall. “An Tunnel,” ars’ esan. “B’ e ’n donnnal e gu dearbh,” arsa mise, “an donnalaich a’s grainde ’chuala mi;” ach am prioba na sula bha sinn a mach taobh eile ’chnoic—tharruing mi m’ anail agus thog mo chridhe. Chaidh sinn a nis troimh dhuthaich aillidh—bha eich, a’s crodh, a’s caoraich ag ionaltradh—ach cha robh a h-aon diubh, no beo-chreutair, nach do theich o thaobh an rathaid mar a dhluthaich sinn orra, an cinn ’s an earbaill ri h-athar, ’s cha b’ iongantach sin, b’ e ’n t-annas e do na bruidean bochda. Bha ’nis, mar a shaoil leam, an anail an uchd an eich iaruinn—thug e ràn. “Fhalbh,” arsa mise, “cha ’n iongantach leam pathadh a bhi ort.” Chuala mi beuc—a’s fead—bha ’n siubhal a’ fas na bu mhoille. “Cha ’n urrainn sud seasamh,” arsa mise ri Niall. Stad an carbad. “Leig a mach mi,” arsa mise; oir smaointich mi gu ’n deachaidh mionach an eich iaruinn air aimhreit, ’s gu ’n sgaineadh an coire mor anns an robh ’n t-uisge goileach. “Leig am mach mi,” arsa mise. “Air ur socair, ’athair,” arsa Niall. Dh’ fhosgail duine modhail, agus cuairt òir mu ’aid, an doras. “Thigibh a mach, a dhaoin’-uaisle,” ars esan. “’N e gu ’m bheil sinn aig ceann an rathaid?” arsa mise, “ochd mile ann an ochd-mionaide-deug!” Chaidh sinn a mach, ach ’s gann a b’ urrainn domh seasamh leis an tuainealaich a bha am cheann. Ciod a th’ agaibh air, ach gu ’m faca mi leannan Neill, ’s air m’ fhocal, caile eireachdail! An uair bha e fhein ’s an t-Obanach og ag innseadh mu ’n eagal a bha orm, sheas i mi gu gasda, agus chain i an carbad iaruinn gu foghainteach. Sin agaibh mar thachair domh. C.—Mo mhile taing, Eachainn! ach cia mar a thainig thu air d’ ais? E.—Thill mi ’s an doigh cheudna; cha dealaicheadh iad rium, cha robh feum a bhi ’cur ’n an aghaidh. Chaidh mi stigh, sheachainn mi ’n uinneag, dhuin mi mo shuilean, dh’ fhorc mi mo chasan. “Chuir an leann a dh’ ol mi,” arsa mise, [TD 86] [Vol. 11. No. 11. p. 6] “cadal orm, leigibh leam.” Dh’ fhalbh sinn; thoisich mi air Laoidh Mhic-Cealair agus gach laoidh eile bha agam air mo theangaidh aithris; ach mu ’n d’ fhuair mi leth rompa bha sinn aig ceann ar turuis, agus a rithist tearuinte air sraidibh Ghlaschu. Sin agaibh, a Chuairteir runaich, eachdraidh mo thuruis do Phaisley. C.—Agus a nis, Eachainn, nach aidich thu gur mor an t-sochair na h-innleachdan sin? Is eiginn gu ’m bi daoine ’siubhal o aite gu h-aite—tha de ghnothuichean a nis eadar ait’ agus aite, eadar duin’ agus duine; de mhalairt ’s de dh-iomairt de gach seorsa, ’s gur anabarrach an t-sochair tha daoine ’faotainn uapa. Cha ’n urrainnear Lunnuinn agus Glaschu ’tharruing na ’s dluithe d’a cheile na tha iad—Lunnuinn a shlaodadh a nuas, no Glaschu a sparradh a suas; cha ’n ’eil e comasach an t-astar a dheanamh na ’s giorra na tha e; ach ma gheibhear an t-astar a dheanamh anns a’ cheathramh cuid de ’n uine ’b’ abhaist da ’ghabhail, nach e sin an t-aon ni ’s ged a bhiodh iad air an dluthachadh r’a cheile? Tha leth-cheud mile ’nis mar bha deich mile ri linn m’ oige. Siubhlaidh daoine ’nis ann an ceithir-uaire-fichead astar a ghabhadh seachduin o cheann fhichead bliadhna, agus cha chost e ’n deicheamh cuid a dh’ airgiod; agus nach mor an t-sochair sin? E.—Cha leir dhomh fhein gu ’m bheil a’ chuis mar a tha sibh ag radh. Ma tha cothrom aig daoine ’nis air dol o aite gu h-aite nach robh aca, ciod e sin? Am bheil iad na ’s lugha cost aig deireadh na bliadhna? An aite sin tha iad a’ cost a dheich uiread ’s a bha na daoine bho ’n d’ thainig iad—tha iad a dheich tricead o ’n tigh. Mur biodh cothrom aig ceatharnaich air dol gu Galldachd ach air bonn an coise, no aig na h-uaislean ach air muin eich le valise, no maileid leathraich air cul na diolaid, mar a b’ abhaist, cha bhiodh uiread de dh-or ’s de dh-airgiod dhaoine ’g a chost a ruith o aite gu h-aite ’s bhiodh iad a’ cheart cho math dheth aig ceann na bliadhna. C.—Faodaidh tu a radh gu ’n robh an duthaich cho maith dheth ’n uair nach robh drochaid, no rathad-mor an righ, no cairtean, no baracha-rotha ’s an tir; am ministeir fhein a’ marcachd do ’n Eaglais, ’s a bhean air pillein air a chul, ’s a da laimh m’ a theis-meadhoin; agus an tuath air chul srathrach, le taod connlaich. E.—Ma ta cha ’n ’eil fhios agam nach robh, agus moran na b’ fhearr. Ged labhradh sibh fad bliadhna cha toir sibh orm a chreidsinn nach ’eil bochdainn, agus fuachd, agus dith cairdeis a’ tighinn a stigh do dhuthaich mar tha na cleachdainnean ura, Gallda sin a’ tighinn oirnn. Nach taitneach an ni marcachd air muin eich, no gu socrach, ciallach, athaiseach, air cairt, agus mar a thubhairt mi, boitein connlaich fo dhuine, agus sealladh a bhi aige de ’n t-saoghal aillidh mu ’n cuairt da, gun sgath no imcheist, seach a bhi air a ghlasadh a stigh ’n a’ leithid a dh-aite ’s an robh mise; bruach ard air gach taobh dheth, agus an ait eile a’ ruith mar nathair fo ’n talamh; agus cridhe duine ’bualadh ’n a uchd, mar gu ’m bu mhaigheach bhochd, ghealtach e ’s am miolchu as a deigh. Coma leam iad! C.—Am bheil truas idir agad ris na h-eich bhochda? Nach deistinneach an ni ’bhi air do tharruinn air carbad cheithir each, agus mothachadh mar tha iad air an liodairt—air an claoidh—air an sarachadh—air am murt—cuid diubh a’ tuiteam, mar a chunnaic mi, gun phlosg air an rathad-mhor fo sgiursadh eagalach, neo-iochdmhor nam beistean a tha ’g an iomain. Tha sòlas orm gu ’n d’ fhuaradh am mach doigh anns am bi na h-eich ghasda air an caomhnadh. An ceann uine ghoirid bithidh malairt na duthcha air a giulan air na slighean iaruinn. A bharrachd air so tha iad ag isleachadh luach gach seorsa teachd an-tir, agus iomadh ni eile dhuinne. Faic thusa na carbadan iaruinn a tha air toiseachadh an diugh fhein eadar Glaschu ’s Ionar-Air; nach anabarrach am fosgladh tha e ’deanamh? Thig iasg a’s uibhean, a’s im, a’s meas, a nuas a nis o gach aite eadar sinne agus Ionar-Air; bruchdaidh gach baile mach na th’ aca r’ a sheachnadh; thig iad a nuas ’s a’ mhaduinn leis gach goireas a shaoileas iad a ghabhas reic, agus pillidh iad dachaidh ’s an fheasgar le ’fhiach ’n an sporan! Am bheil sochair an sin? E.—Cha leir dhomh gu ’m bheil. Gun teagamh is sochair e do Glaschu; tha ’h-uile cearn a’ dortadh a stigh na tha aca r’ a sheachnadh, a reamhrachadh a’ bhaile-mhoir so, agus tha ’bhuil: tha e ’fas ’s a’ fas—tighean ura—oibrichean ura—sraidean ura—gus nach ’eil fhios c’ait’ an stad iad—soithichean smuid’ o gach eilean, o gach cearn an Eirinn ’s an Sasunn—a’ toirt luchd air muin luchd a bheathachadh sluaigh mhoir an aite so; agus a nis, carbadan iaruinn a’ slaodadh a stigh gach ni. Tha sin ’n a shochair mhor, gun teagamh, do Ghlaschu, ach b’ e sin “Calum beag a chur a dhith chum Murchadh mor a reamhrachadh.” Ciod an t-sochair do mhuinntir Ionar-Air agus Irvine, agus nan aiteachan sin, anns nach urrainn doibh a nis cudainn, no bodach-ruadh, no ubh, no im a cheannach, gun uiread a dhiol air a shon ’s a tha muinntir Ghlaschu a’ deanamh. ’S mor an t-sochair dhomhsa, da-rireadh, nach toir mo bhean ubh dhomh air latha Caisg, ach ’g an gleidheadh air son Ghlaschu. Tha mise ’g radh ribh, na ’m biodh Glaschu, agus a leithid am mach air a’ mhuir, gu ’n robh pailteas ’s an tir. ’S iad na bailtean-mora tha ’g itheadh na duthcha. Nach ’eil a nis lan chinnteach ceud mhile fear a’ giulan bidh a lionadh bronna muinntir Ghlaschu. Tha e ’cur am chuimhne-sa muc mhor a bha mo bhean aon uair a’ reamhrachadh. Cha robh cal no buntata, no fuigheall eorna no coirce, no mionach eisg, no ni air an gramaicheadh fiacail nach robh i a’ slaodadh a dh-ionnsaidh na beiste. Chluinneadh tu na cearcan a’ gogail ’s a’ sgriobadh an dunain leis an acras—an coileach Frangach, cha d’ rinn e guguil fad mios—am mada breac, an t-aon chu-uisge ’s fhearr an Tirithe, ’earball eadar a chasan, ’s a chnamhan a’ tighinn troi’ chraicionn—na tunnagan ’s “fàg fàg” a ghearan uapa bho mhoch gu h-anmoch, agus so uile chum an torc breac a reamhrachadh. Cho luath ’s a mharbhadh e, b’ e sin latha ’n aigh do gach chreutair mu ’n dorus; chluinneadh tu na geoidh a’ sgeigil gu farumach, na cearcan a’ gogail le sòlas—upraid air gach aon diubh—an coileach Frangach ’s a sprogan cho dearg ris an sgarlaid a’ guguil gu creidheil—’s am mada’ coir a’ tathunn gu togarrach—na tunnagan a’ snamh air linn tron geadh agus a’ mireag gu subhach: agus c’arson? Mharbhadh a’ mhuc mhor; bha na chaith a’ bheist air a roinn eadar gach creutair eile. C.—Tha sin gle mhaith, Eachainn, ach c’ait’ an deach’ an t-airgiod a fhuair do bhean air son na muice? E.—Ma ta chuir sibh ceist orm; sin ni ’tha duilich a fhreagairt; cheannaicheadh sud agus so—gùn ur—currac ur—umbrella ur—soithichean ura creadha ’s na ficheadan ni eile nach d’ ionndraich sinn gus an d’ thug am fasan a stigh iad;—tha mi am mearachd—thug i dhomh a’ pheiteag so tha orm. C.—Ach c’arson nach do reic thu fhein a’ mhuc, ’s nach do phaigh thu do mhal leis an airgiod? E.—Fhir mo chridhe, thug mi mhuc ’n uair a bha i ’n a h-uircean, do m’ mhnaoi. “So,” arsa mise, latha bha i ’g iarraidh ni-eigin uam,—“so,” arsa mise, “uircean; reamhraich e ’s reic e, agus ceannaich na tha dhith ort.” “Mo bheannachd ort, Eachainn!” ars’ ise. Chuireadh ann an cro e, thòisich an reamhrachadh; ma bha ’m meog goirt, “thoir do ’n mhuic e;”—na dallagan a b’ abhaist duinn fhagail air a’ chladach b’ eigin an toirt dhachaidh do ’n mhuic. Ann an aon fhocal, bha ’h-uile ni air a shlaodadh do chro na muice—ach chuireadh a’ chorc innte mu dheireadh. “Mo mhuc fhein,” arsa mo bhean; bha i cho bosdail as na bha de shaill oirre ’s ged robh i aice air a cìch. Cha dubhairt mi diog. ’S aithne dhuibh na mnathan, a Chuairteir, cha ’n ’eil maith ’bhi ’cur ’n an aghaidh—’s mor an t-sochair sith. Ach ’s eiginn domh falbh. Slan leibh! fhir mo chridhe—ma chaomhnar mi bithidh mi air m’ ais an uine ghoirid le luchd de bhuanaichean, agus chi mi sibh. Slan leibh! C.—Slan leat, Eachainn. ’S e ’m baile-mor mionach na duthcha, agus is olc a thig do na lamhan ’s do na casan a bhi ’gearan ’n a aghaidh.—Ach slan leat! E.—Aon fhocal; tha mi ’guidhe oirbh gun iomradh thoirt anns a’ Chuairtear mu ’n mhuic, air neo cha ruig mise ’leas tilleadh. Slan leibh! fhir mo chridhe. Cailleach Beinn a’ Bhric. B’ I Cailleach Beinn-a’-Bhric bean-shìth a bhiodh na sealgairean air uairibh a’ faicinn a’ cuallach agus a’ bleoghann nam fiadh ’s a luinneag fhein aice am Beinn-a’-Bhric. An uair a thigeadh dùdlachd a’ gheamhraidh bhìteadh ga ’faicinn ga ’n iomain romh Ghleann-Nibheis thun na traghad, agus bhiodh mnathan an t sratha a cur oirre gu ’m biodh i a cromadh air an duileasg ’s air an cuid càil; ach, a réir a h-uile cunntais bu chreutair ro neo-chiontach i, ’s tha i fhéin ga saoradh fhéin, mar a c[?]itear ’san òran. Cleas “Mhic-an-riochd,” sealgar sam bith a chitheadh a’ chailleach, dh’ fhaodadh e bhi cinnteach an latha sin nach éireadh an t-sealg leis. Bliadhna bha ’n sid, ris a’ gharbh-fhrasaich fhoghair, chualas gu ’m facas i stigh an gleann mar a b’ àbhaist; agus ’s e bh’ ann gu ’n do smaoinich sealgair tapaidh bha ’n sin a’ bheinn-sheilg a thoirt air. Thog e air, ach ged a bha e o mhoch gu dubh “air lorg an fhéidh,” cha d’ éirich an t-sealg leis. An ciaradh nan tràth ghabh e mu thàmh am bothan-seilge air Ruighe mor Feith-Chiarain, ’s thòisich e air fadadh teine; agus, (le doimheadas) air facail-òrain a dheanamh air a fonn fhéin. Cha d’ fhuair e ach ceithreamh no dha dheanamh an uair a chual’ e tighinn i ’s luinneag aice ga ’ghabhail mar a b’ àbhaist. Rinn i seasamh mu ’choinneamh aig an uinneig ’s chuir i fàilte air. “Chuala mi gu ’n d’ fhuair tu allaban mór an diugh le seachran-seilge,” ars’ ise, “’s thainig mi á Lagan-na-Féithe gu Ruighe mor Feith-Chiarain bho ’n a bhuail thu an ciad bheum teine, a thoirt buaidh na seilge dhut. Bidh mise am màireach a’ bleoghann nam fiadh mar is àbhaist. Am fear nach seas rium, buailidh mi cnaigein na buarach air. Beachdaich thusa gu math air an fhear sin—dean cuimse mhath agus bidh buaidh ort. Rinn e mar a dh’ iarr i, ’s bha buaidh na seilge air bho ’n latha sin. Ged nach robh a’ Chailleach na còmhalaiche math do na sealgairean bha i na deagh bhan-charaid do na ceatharnaich-choille—is minig a fhuair iad bhuaipe sanas mu ’n tòir. Tha innse-sgeoil againn air i dheanamh sin aig ceann Loch Ciarain agus an Uisge-Labhair; ach fóghnaidh dhomh innse gu ’m b’ ann an riochd boirionnaich mhóir ’s i glanadh mionaich éisg a b’ àbhaist d’ i i fhéin a nochdadh dhaibhsan. [TD 87] [Vol. 11. No. 11. p. 7] Bha miadachd mhor ’s a’ chaillich—theirteadh gu ’m buaileadh a glùn an t-àrd-dorus. Bhiodh bréid breac, ballach mu ’ceann, ’s ciabhagan fada, glas a sios a dà ghuallainn: uair a chiteadh osain oirre, agus uair mogain; ach cha ’n fhacas riamh i gun sumaig de phlaide bhuidhe uimpe. An uair a chitear aodach buidhe, pleurann theirear ’s a’ Bhràighe gus an latha ’n diugh, gu ’m bheil e “cho buidhe ri plaide Cailleach Beinn-a’-Bhric.” B’ ann de fhrìdh Loch-Tréig a bha Beinn-a’-Bhric; agus their feadhainn gu ’m b’ ann do Dhomhnull mac Fhionnlaidh nan dàn a thug a’ Chailleach a’ bhuaidh-sheilge; ach, co dhiubh, cha ’n eileas an teagamh nach e fear de shealgairean Mhic-’ic-Raonuill a fhuair i. SEALGAIR. Cailleach mhor nan ciabhag glas, Nan ciabhag glas, nan ciabhag glas; Cailleach mhor nan ciabhag glas, ’S acfhuinneach i shiubhal charn. Cailleach Beinn-a’-Bhric, ho-ró, Bhric ho-ró, bhric ho-ró; Cailleach Beinn-a’-Bhric, ho-ró, Cailleach mhor an fhuarain àird. Cailleach mhor nam mogan liath, Nam mogan liath, nam mogan liath; Cailleach mhor nam mogan liath, Cha ’n fhaca sinne ’leithid riamh. Cailleach mhor nan osan fad’, Nan osan fad’, nan osan fad’; Cailleach mhor nan osan fad’, ’S astarrach i ’n talamh garbh. Dé a thug thu ’n diugh do ’n bheinn, ’N diugh do ’n bheinn, ’n diugh do ’n bheinn? Dé a thug thu ’n digh do ’n bheinn? Chum thu mi gun bhéin, gun sealg. Bha thu fhéin ’s do bhuidheann fhiadh, Do bhuidheann fhiadh, do bhuidheann fhiadh; Bha thu fhéin ’s do bhuidheann fhiadh Air an tràigh ud shios an dé. A’ CHAILLEACH. Cha leiginn mo bhuidheann fhiadh, Mo bhuidheann fhiadh, mo bhuidheann fhiadh; Cha leiginn mo bhuidhinn fhiadh Dh’ imlich shligean dubh an tràigh. Ochan! is i ’n dòirionn mhor, An dòirionn mhor, an dòirionn mhor; Ochan! is i ’n dòirionn mhor, A chuir mis’ an choill ud thall. Cha do ghoid mi cliabhan duilisg, Cliabhan duilisg, cliabhan duilisg; Cha do ghoid mi cliabhan duilisg, ’S cha mho ghoid mi ribeag chàil. ’S mor gu ’m b’ annsa bhiolair uain’, A’ bhiolair uain’, a’ bhiolair uain’; ’S mor gu ’m b’ annsa bhiolair uain’ Bhios air bruaich an fhuarain àird. Cha ’n ioghnadh mi bhi dubh, ho-ró, Dubh, ho-ró, dubh, ho-ró; Cha ’n ioghnadh mi bhi dubh, ho-ró, H-uile là a muigh, o h-ì. Cha ’n ioghnadh mi bhi fliuch, fuar, Fliuch, fuar, fliuch, fuar; Cha ’n ioghnadh mi bhi fliuch, fuar, H-uile h-uair a muigh gu bràth. ’S ann an sid tha bhuidheann fhiadh, Bhuidheann fhiadh, bhuidheann fhiadh; ’S ann ann sid tha bhuidheann fhiadh, Seachad an sliabh dubh ud thall. Oran A rinneadh do ’n t-Seanalair Eachunn Domhnullach. Fhuair sinn an t-oran bho Iain Mac-Gilleain anns na Forks. Chuireadh uige-san e le caraid anns an t-seann dùthaich. FONN—O hì-ri-rì, tha e tighinn, O hì-ri-rì, ’m fear tha bhuainn: Eachunn Domhnullach, an Gàidheal ’Chuireas air an nàmhaid ruaig. Cheart cho cinnteach ’sa thig Eachunn Chi agus cluinnidh an sluagh; ’Nuair gheibh an Gàidheal an t-òrdan, Gu ’m bi ’m Bòer na chulaidh-thruais. Ma chluinneas Crugar g’ ’eil thu tighinn Caillidh e whiskers ’sa ghruag, ’S éiridh an ad bhar a chlaiginn, ’S chi sibh sgall-phaitse gun bhuaidh. Thainig thu le ceum a ghaisgich, ’S dhearbh thu sid bho ’n ranca suas; ’S lionmhor fear a rinn thu fhàgail Anns an àraich marbh ’s nach gluais. Sealladh bu bhoidhch’ air an talamh, Eachunn le bhrigade Di-luain: ’Nuair a ghluais iad air an rathad, Piob is bratach ga ’n cur suas. ’Nuair a nochd sinn ris an nàmhaid, ’S iad gu h-ard air bharr gach bruaich, Labhair Eachunn anns a’ Ghàilig, “’Chlann nan Gàidheal, bithibh cruaidh!” ’S e Pardesburg a b’ ainm do ’n àite Far ’n do chuir sinn blàr bha cruaidh, Chuir sinn air ratreut an nàmhaid, ’S ceud no dhà dhiubh ’chur nan suain. Aig Koordesburg bha ’n nàmhaid guineach ’Losgadh luaithe ghlais na ’r déigh; Ach ghluais Eachunn leis na gillean Nach tilleadh roimh ni fo ’n ghréin. Air gach allt chaidh sinne seachad, Anns gach glaic bha sinn na ’r leum, ’Direadh ri mullach nan àrd-bheann, ’S fuil na nàmhaid air gach geug. Ged a chaidh am batal leinne, Dh’ fhàg sinn ficheadan na ’r deigh; ’S leonadh Eachunn, com a ghaisgeach! Och! mo chreach! b’e sud am beud. ’S bochd an naigheachd sin le d’ chàirdean, ’S bochd an nàbaidh i do ’n t-sluagh, ’S bochd e leis gach aon a dh’ fhag thu Anns an Eilean Dubh mu thuath. O, luchd na h-Alba, togaibh misneach, ’Sinn air fios fhaotainn ’san àm: Bidh Eachunn fhathast slàn gun chnead air, ’S air a ghillean cha bhi gruaim. An Cairdeas Ceart. LE DOMHNULL MAC LEOID. ’N am b’ urrainn mise sgeanan or Le seoltachd dhuibh a dhealbh, Ghrad dheanainn air an innean ceol Le clobha ’s ord is geilb. Ach tha ’n t-or dhomh fuasach gann, Ged ’s teann mi as a dhéigh, Tha mi gach la theid air mo cheann ’San àite ’n robh mi ’n dé. Tha cuid de ’n bheachd gur h-e an t-or An ti a’s àirde th’ ann; Ach cha ’n ’eil sibhse dhe an t-seors’ Do mhamon chromas ceann. Tha cairdeas ann ’s cha ’n fhiach leam fhìn An t-ainm sin a radh ris, Oir teichidh e ’nuair chi e sinn An sàs ’sna preasan dris. Ma bhios an t-or dhuinn pailt gu leor Ni ’n seors’ ud brosgul ruinn, Mur bi ach airgead ruadh na ’r dorn Cha ’n eol daibh idir sinn. Mar charraig dhaingeann ann an sruth, Bha ’n cairdeas ceart bho thùs: Mar bha e ’n uair sin tha e ’n diugh, Le aois cha chaill e ’lùths. Ged ’s seasmhach e mar chreig an sruth, Mar chreig cha ’n ’eil e fuar, Ach teth mar eibhlean mòine dhubh, A’s fearr na teine guail. ’S an àm am bi na speuran paisgt’ Mar rol an leabhar suas, An uair sin, latha garbh ar n-airc, Ar cairdeas-ne cha ghluais. Iadsan a Phaigh. Eoghan Domhnullach, Gabarus Tormad Mac Ascuill, Framboise Gilleasbuig Domhnullach, Salmon River Raonall R. Mac-Fhionghain, Salmon River An t-Urr. D. Domhnullach, Srathlathuirn An t-Urr. R. Mac-Coinnich, Iona Mairi Nic Neill, Iona Seumas Domhnullach, Sidni Cailean Caimbeul, Abhainn Mheadhonach Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath Domhnull I. Moireasdan, Sidni. Iain Mac-a-Phearsain, Glace Bay. Seumas Mac Gilleain, J. P., Clark’s Road Tormad Moireasdan, Baddeck. Gilleasbuig Siosal, Glassburn, N. S. Aonghas Sutharlan, Elmfield, N. S. Bean Iain D. Mhic Gillebhràth, Allt a’ Bhàillidh. Domhnull Mac-a-Ghobha, Duntroon, Ont. Deorsa Sutharlan, Gravenhurst, Ont. D. I. Domhnullach, Kingston, Ont. Domhnull Mac Neacail, Ladysmith, B. C. Fionnladh Dònullach, Earlswood, N. W. T. Martuinn Mac-a-Phearsain, Cleona, Cala. I. S. Ros, Cleona, Cala. Eoghan G. Caimbeul, Sycamore, Ill. D. Mac Eacharan, Minneapolis, Minn. Rob Turnbull, Bourke, Australia. Theodore Napier, Dunéideann, Alba Alasdair Beuton, Iar Alligin, Alba Iain MacRath, Fear-lagha, Inbhir-pheotharain, Alba. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An Togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe seo aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 88] [Vol. 11. No. 11. p. 8] Dan air Fogradh nan Gaidheal. LE SEUMAS MUNRO. A Mhic-talla na Gàidh’ltachd, Ciod is fàth so do ’n ghàir tha ’sa Ghleann? Cluinneam ciùcharan phàisdean, Agus ochanaich mhàthraichean ann; Reachdraich dhaoine fo àmhghar, Caoidhrean ògan ’s àilleagan fann;— Leam is tiamhaidh ’cho-ghàirich ’Tha a’ taomadh a d’ àros ’san àm! “Tha thu ’d choigreach ’s na Gleanntaibh, ’Fhir ’tha ’ceasnachadh Sean-ghuth nan càrn, No cha b’ fhàth dhut ’bhi feoraich Ciod is aobhar do m’ chò-ghair-s’ an tràths’; Tha Luchd-dùthchais na Tire ’S iad ’g am fògairt a innsibh an gràidh! ’N diugh tha ’n Gleann so ’ga sgaoileadh,— Agus sin is ceann-aobhair do ’n ghàir! ’S e ’bhi ’g aithris gach comhraidh ’Thig am charabh is dògh dhomh o thùs, Ach tha m’ aigne fo dhòlas A bhi ’g aithris air bron mo luchd-dùthch’; Rànaich naoidheanan oga, Tùrsa sheann mhnathan breoite gun sùrd, Cnead nan sean fhear fo dhòruinn, Agus ospail a’ chròilein gun lùs! Gu ’n robh m’ ath-sgal neo-aobhaidh ’N àm ’bhi ’g aithris na gaoire ’bha Tuath, Agus aitreibh ’g an sgaoileadh Is an lasair ’na caoiribh mu ’n stuaidh! Tailmrich shaighdeir is mhaora, Braghail chabar a’s thaobhan am chluais, Donnal chon mar ri caoineadh Nam panal falt-sgaoilte gun tuar! O! cha b’ ionann ’s na fuaimean Sin a b’ éibhinn le m’ chluais ann o chéin, B’ iad ceol-maidne nan gruagach, Mar ri ceilearadh bhuachaill mu ’n spréidh; Sgal an t-seannsair ga ’m ghluasad, Agus farum na Tuath ’dol gu feum, Moch, is ceo mu na cruachaibh, Is an dealt air na bruachaibh fo ghréin. ’Nuair a dhùisgeadh an t-Sàbaid, Dh’ éisdinn cliù as gach fàrdaich ’dol suas A’ toirt molaidh do ’n Ard-righ,— Agus dh’ aithrisinn tlàth air an fhuaim, ’S air na h-ùrnaighibh diomhair ’Dheant’, gu h-ùmhlaidh, air iochdar nam bruach, No fo sgaile nan craobha ’Bhiodh ag aomadh ri taobh nan sruth buan. ’S na ’m biodh càs a cur campair Air an dùthaich, no ’m Frangach ri strith, Dh’ éireadh sluagh as na Gleanntaibh Anns an àm ud, a champach mu ’n Rìgh, ’S sin air iarrtas nan uachd’ran Tha a nise ga ’m fuadach a ’n glinn, Chionn le Gionach na Buannachd, Gur h-annsa na sluagh leotha Nì! Sid dol roinn de na Triathaibh A rinn liansgradh o’n t-siol a bha ann, ’Meas na Tuath’ mar shliochd diolain, Is ga ’m fuadach gu h-iargalt o’n rann; Cha ’n ’eil dìdionn no fialachd, Tlus is ceanal nan riaghlar ach gann; ’Righ! cha b’ ionann o chian so, ’Nuair bha ’Thuath aig gach Triath mar a chlann. Anaghaol stigh agus mearchais, Mar ri mor-chùis is aintheas is prois, Chuir na fearainn an ainfhiach, Agus b’ fheudar an cearbadh air or; ’N luchd-lagh’ ’chaidh ga ’n teanchdadh, Mar bu nòs, chuir an anacheart am mòid. Gus am b’ éiginn ’na sealbhan’ Uile mhalairt air airgead na ròic! So rinn fàsaichean faoine, Lom, àiteach gun daoine, ’san fhonn ’San robh dilseachd is daondachd Ann an comhnuidhibh faoilidh nan sonn;— ’S far an buainteadh na raointean, ’S cianail mèilich nan caorach ceann-lom ’N ionad dhuanagan gaolach Nan gruagach a b’ aobhaiche fonn. So rinn comhnard is garbhlach, Le ain-dlighe, a thoirmeasg do chloinn Sin nan sàr-churaidh garga ’Chum Triatha nan Garbh-chrioch na ’n greim, Le treun-chalmachd an gàirdean, Is nach d’ àraich aon àm orra foill!— ’S truagh leam an diugh gu ’n d’ fhàgadh An iarmad air fàrsan gun sgoinn. Ach na ’n tòirleamadh Baoghal ’Nuas a bhagradh nam fraoch-bheann ’s nam frith, Bhiodh na maithean ud faondrach, Is an cabraich ’s an caoraich gun bhrigh, Ach gu lon do na naimhdean, A ghrad-chìosnadh, gun taing dhaibh, an tir, ’S luchd a sheasamh na h-àraich, ’S do ’m bu ghnathach buaidh-larach, da ’n dìth. Tha mo chlann-sa mu ’n cuairt domh, ’S tha mi ’faotainn sgeoil uapa, mar tha Cùisean laimh-riu a’ gluasad Anns na glinn anns an dual dhaibh ’bhi tàmh; Tha mor-chliù air Triath Chluainidh, Chionn e ’ghleidheadh an dualchais mar bha, ’S nach do chuir e air fuadach Aon teaghlach de ’n t-sluagh tha fo sgàth. ’S ion bhi ’g iomradh mar chomhla Air cliù Mhic-an-Toisich a’ Bhràigh, ’S Mhic ’ic Eoghain nam mor-chruach Nach do fhògair an sloigh as an ait; Cliù Mhic-Shimi na h-airde, Agus cliù Mhic ’ic Phadruig tha sàr; ’S bidh am bratach-san làidir An uair a bhios fàilinn air càch. ’S ion ’bhi luaidh, mar an ceudna,— Is bu diùbhail mur éight’ e ’san uair— Gu ’m bi Comunn na Féile Comhla, cruinn an Dunéideann gu luath, ’Chumail ciùil agus éididh Agus cainnte nan sléibhtean a suas;— Gu ’n robh cliù agus éibhneas, A mhaireas gach ré, dhaibh mar dhuais!” A h-Uile La Chi ’s Nach Fhaic. LE IAIN MAC LEOID, L. L. D. AIR FONN—“Auld Lang Syne.” O, ’s iomadh ceum a shiubhail sinn, O bha sinn og le chéile, O bha sinn ’g iomain air an tràigh, Gun thrusgan oirnn ach féile. SEISD—A h-uile latha chi ’s nach fhaic, A h-uile latha chi sinn, Deoch-slàint’ mo charaid ni mi ol, A h-uile latha chi sinn. Bha sinn shios is bha sinn shuas, An Lunnainn ’s an Dunéideann; Ach b’ annsa leam bhi ’n tir nam beann, ’S a siubhal ghleann le chéile. ’S iomadh maduinn shamhraidh chiùin A dhùisg sinn leis na smeoraich, Nuair bhiodh na sobhragan cho cùbhr’, ’S an dealt air barr nan neoinean. ’S iomadh latha sheol sinn long Air Loch-na-cula-fraochaidh, ’S bu bhoidheach i air bhàrr nan tonn ’Dol seachad Sgeir na Faoileag. ’S cha robh brog no bonaid oirnn, ’S ann againn nach robh feum orr’, Ach ruith is leum is deanadh spors, Is comunn càch a chéile. O, na balaich bha sinn ann, Gun bhonaidean, gun bhrogan! Bu shona ’n saoghal a bhiodh ann, Na ’m maireadh sin an comhnuidh. Bean a tigh-mor is bó a baile, cha fhreagair an duine bochd. B’ fhearr a bhi sàmhach na droch dhàn a ghabhail. Bha dorus Fhinn do ’n ànrach fial. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 89] [Vol. 11. No. 12. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DECEMBER 12, 1902. No. 12. Gort anns an t-Suain. THA sgeula bochd air tighinn as an t-Suain. Ann an ceann a tuath na dùthcha sin tha tri fichead is deich mìle sluaigh an impis bàsachadh le acras. Chaidh am bàrr gu tur na ’n aghaidh air a’ bhliadhna so, agus o nach eil an dùthaich ro-thorach aig àm sam bith, cha ’n eil e ’n comas an t-sluaigh cur ma seach aon bhliadhna fa chomhair bliadhn’ eile. Air-son biadh gach bliadhna tha aca ri bhi ’n earbsa bàrr na bliadhna sin fhein. Tha na Suainich na ’n sluagh tapaidh, deanadach, stuama, ach ged tha cha ’n urrainn iad toradh a thoirt á talamh fuar gun bhrìgh. Tha moran dhiu air an aobhar sin a’ fàgail an dùthcha, ’s a’ tighinn air imrich do America. Tha beagan dhiu air suidheachadh an Canada, ’s tha iad na ’n luchd-àiteachaidh cho math ’s gu bheilear an dòchas gu ’n tig tuilleadh dhiu. Anns an Iar-Thuath gheibh iad fearann gu ’n toil, agus fearann math, beairteach, gle ao-coltach ris an fhearann air am bheil iad a’ feuchainn ri ’m beòshlaint a chosnadh na ’n dùthaich fein. Cuisean na h-Eirinn. THA Eirinn o chionn iomadh bliadhna ’s linn na ’dùthaich thruagh. Re nan seachd ceud bliadhna chaidh seachad o’n thugadh fo chìs le Sasuinn i, is iomadh ceannairc a rinn an sluagh an aghaidh nàmhaid an dùthcha, is iomadh murt is marbhadh a rinneadh, agus is iomadh reachd cruaidh a chaidh a dheanamh na ’n aghaidh, le rùn an toirt gu bhi striochte le ’n staid agus sìtheil. Ach bha gach lagh is reachd dhe’n t-seòrsa sin gun stà; tha Eirinn gus an latha ’n diugh gun chiùineachadh, agus tha spiorad na ceannairc fhathast air feadh na tìre. Tha aobhar no dha aig cùisean air bhi mar tha iad. ’Sa cheud àite tha ’m fearann air a chumail o ’n t-sluagh mar tha ’m fearann air a chumail bho ’n t-sluagh air Gàidhealtachd na h-Alba. Bliadhnachan roimhe bha moran de’ n t-sluagh air am fògradh bho ’n dachaidhean, ’s chaidh iad air imrich do na Stàidean, far am bheil iad fein ’s an clann ag altrum fuath is gamhlais do na h-uachdarain a rinn eucoir orra, ’s do na laghannan a cheadaich dhaibh an eucoir a dheanamh. Anns an dòigh ’san deachaidh buntainn riutha leis na h-uachdarain ’s le laghannan na rioghachd, tha an Gàidheal Albannach ’s an t-Eirionnach co-ionann. Ach an sin tha ’cho-ionannachd a’ stad. Tha an Gàidheal na ’dhuine sìtheil, agus na ’iochdaran dìleas do’n Chrùn Bhreatunnach aig an tigh agus thairis. Ach tha ’n t-Eirionnach na ’dhuine tha daonnan ri buaireas na ’dhùthaich fein, agus cha ’n eil nàmhaid aig Breatunn an taobh a stigh de chriochan nan Stàidean a’s guiniche na ’h-aghaidh no a’s uilce dùrachd dhi. ’S e aobhar dha sin ann an tomhas mor gu bheil àireamh dhaoine na ’m measg do ’m bheil e probhaideach an cumail air bhoil ’s air bhuaireas fad na h-ùine, ’s do ’m biodh e na ’chall mor sìth is sàmhchair a bhi riaghladh ’san dùthaich. Is ceaird dhaibh sin a bhi deanamh trioblaid, agus tha iad a’ faotainn air aghart gu math leatha,—a’ cumail na dùthcha o bhliadhna gu bliadhna anns an aon iorghuil, ’s a’ cur an riaghlaidh na ’n aghaidh air chor ’s nach eil iad a’ faighinn na gheibheadh iad na ’n robh iad ni bu reusanta. Tha an obair sin air a deagh phàidheadh le tionalan airgid a thatar a’ deanamh anns na Stàidean, agus cha ’n eil teagamh nach eil cuid de luchd-brosnachaidh an t-sluaigh aig am bheil barrachd spéis do na tionalan sin na tha aca do mhath na dùthcha. Tha comharran ann co-dhiu gu bheil cùisean gu atharrachadh. Tha sluagh na h-Eirinn air sgìtheachadh dhe ’n bhuaireas, ’s tha na h-uachdarain agus an riaghladh air an laimh eile o chionn fada seachd searbh dheth. Tha ’n da thaobh aig an àm so a’ teannadh ri cheile ’s coltas orra gu bheil iad toileach còrdadh. Ann an ùine ghearr thatar an dòchas gu ’m bi lagh air a dheanamh leis am bi e ’n comas an tuathanaich bhig am fearann a tha e ’g àiteachadh a bhi aige dha fein saor á grùnnd. Bidh sin na adhartas mor do ’n dùthaich, agus bheir e ciùineachadh air an t-sluagh nach tig orra ’m feasd’, a réir coltais, fhad ’s a bhios iad a pàidheadh màil. An deigh cùisean a shocrachadh mu ’n fhearann, bidh iad ag iarraidh féin-riaghladh—pàrlamaid dhaibh fein anns am bi cothrom ac’ air an laghannan féin a dheanamh. Cha ’n eil teagamh nach faigh iad sin cuideachd, ri tìm, agus aig an àm cheudna bidh pàrlamaidean dhe ’n aon seòrsa air an toirt do Shasunn ’s do Alba. Bidh Breatunn an uair sin anns a’ cheart suidheachadh sam bheil Canada—pàrlamaid aig gach aon de na tri rioghachdan dhaibh fein, mar a tha aig Roinnean Chanada, agus àrd-phàrlamaid os an ceann a ni reachdan a thaobh nithean a bhuineas dhaibh gu coitcheann, agus aig am bi stiùradh chùisean na h-Impireachd anns gach cearna dhe ’n t-saoghal. Na “Doukhobors” aig Fois. BHATAR a’ cur air mhanadh do na Doukhobors, nuair chaidh an tilleadh gu ’n dachaidhean, nach b’ fhada dh’ fhuiricheadh iad. Ach cha ’n ann mar sin a tha. Tha iad a réir coltais ag ullachadh air-son suidheachadh sios mar thuathanaich dheanadach aon uair eile. Tha iad a’ ceannach cruidh, ’s ga ’n còmhdach fein le aodaichean blàtha mar bha iad roimhe, da ni a bha air am bacadh leis a’ chreud a ghluais iad air an turus iomraiteach air an d’ fhalbh iad. Tha Peadar Bherigin, a bha na cheannard dhaibh ann an Ruisia, ’s a bha o chionn iomadh bliadhna air fògradh ann an Siberia, a nis air a leigeadh ma sgaoil, agus tha e tighinn do Chanada. Tha esan na ’dhuine tuigseach, agus ni a thighinn na ’m measg feum mor d’a cho-luchd-dùthcha. Gabhaidh iad a chomhairle-san os ceann gach duin’ eile, oir is cnamh de ’n cnaimh is feòil de ’m feòil fhein e. Ceartas fo Riaghladh Ruisia. BHA àireamh de thuathanaich bheaga air an toirt gu cùirt ann an Ruisia o chionn ghoirid air-son coire eigin. Bha iad air an dìteadh gun dàil, gun uiread is sgàile ceartais a thoirt dhaibh. Bha fir-lagha aig na tuathanaich a tagradh an cùise, agus air dhaibh-san fhaicinn nach leigeadh iad a leas sealltainn air-son ceartais, dh’ fhàg iad a’ chùirt ag ràdh ris na breitheamhna nach feitheadh iad ni b’ fhaide; gu robh ’bhinn air a suidheachadh mu ’n deach an càs fheuchainn. Gu grad chaidh na fir-lagha ghlacadh ’s a chur do ’n phriosan, far am bheil aca ri bliadhna chur seachad le aran is uisge mar bhiadh làitheil. Mar so tha ceartas air a roinn ann an Ruisia; bidh duin’ air a pheanasachadh gu cruaidh air-son de dhànadas a bhi aige gu ’n iarr e ceartas. Stuamachd an Ontario. MAR is fios do ar leughadairean cheana, rinn pàrlamaid Ontario, air an earrach s’a chaidh, achd air-son cur as do dheanamh is do reic dibhe làidir. Cha robh an t-achd so ri bhi na lagh ’san roinn gus am biodh e air a chur fa chomhair an t-sluaigh, ’s am bhòtadh iad air. Chaidh cumha chur na chois gu ’m feumadh, air a chuid bu lugha, 212,723 bhòt a bhi air-son an achd mu ’n deante lagh dhe. B’ e Dior-daoin, seachduin gus an dé, latha ’n bhòtaidh. Cha ’n eil an àireamh bhòtaichean a chaidh a thabhairt fhathast aithnichte, ach tha deagh fhios nach robh gu leòr ann, ged bha cunntas mor mhìltean air-son an achd a bharrachd air na bha na aghaidh. Mur teid bacadh iomlan a chur air malairt an òil an Ontario, cha ’n ann chionn gur treasa luchd an òil na luchd na Stuaime, ach a chionn gu bheil àireamh mhor de ’n t-sluagh cho caoin-shuarach mu ’n dleasnas d’ an dùthaich ’s nach deach iad a mach a bhòtadh. Is miosa ’n duine leisg, coma-co-dhiù, na ’m fear a dh’ oibricheas gu follaiseach an aobhar an uilc. Tha dòchas aig càirdean stuaime, ged nach deach an latha leotha gu h-iomlan, gu ’n d’ rinn iad uiread ’s a cho-éignicheas an riaghladh gus deanamh is reic an òil a lughdachadh gu mor, ’s a’ chuartachadh le riaghailtean ni ’s cruaidhe na bha timchioll air riamh roimhe. Turus Chamberlain do Africa. BIDH na Gàidheil an taobh deas Africa a’ toirt fainear le aire shònruichte gu ’m bheil am fear stàiteil ainmeil, Mr Chamberlain, a’ toirt sgrìob troimh na còirichean farsuinn ud a dh’ fhaotainn a mach air a shon féin agus air son na h-àrd h-uachdranachd gu dé na nithean a tha a dhìth air son cor an t-sluaigh a chur ann an suidheachaidhean a bhiodh cuideachail araon dhaibhsan agus dhuinne. Ann an àm trioblaideach, duilich, thionndaidh an duine comasach so an aghaidh cuid do mhuinntir na h-Eirinn, agus bha mòran ’nar measg a bha ’na aghaidh; ach mu ’n turus so tha sinn buileach leis; agus tha sinn [TD 90] [Vol. 11. No. 12. p. 2] a’ creidsinn gu ’m bi a bhriathran, a làithreachd agus a dheanadais a réir iarrtuis cneasda nam feadhainn ud aig am bheil smuaintean tuigseach agus rùintean reusanta. Tha na Gàidheil thairis cho tuigseach co-dhiù agus a tha am bràithrean aig an tigh; uime sin bidh e ’na thlachd leinn a bhi cluinntinn nach robh na Gàidheil air deireadh air càch ann bhi toirt fàilte do ’n fhear-stàta ainmeil ud, Mr Ioseph Chamberlain. Gu ’n robh buaidh is piseach leis; agus gu ’m fada beò e agus ceò as an smùideach ùr a tha ’ga ghiùlan thairis.—Oban Times. An Call a’s Mo. THAINIG gille gu dorus taighe, agus dh’ fhoighnich e dhe ’n mhnaoi, a fhreagair an gnog, an ceannaicheadh i suidheagan. Bha e mach fad an latha ga ’m buain. “Ceannaichidh gu dearbh,” ars ise. Ghabh i ’bhascaid as a laimh, ’s chaidh i stigh. Dh’ fhuirich an gille muigh aig an dorus a’ feadaireachd ri da chanary a bha ann an eunadan an crochadh ri taobh an tighe. “C’ar-son nach eil thu tigh’nn a stigh a dh’ fhaicinn am bheil mi deanamh tomhas ceart air na suidheagan?” ars a’ bhean. “Bhiodh e furasda gu leòr dhomh do mhealladh.” “Cha ’n eil sin a’ cur cùraim sam bith orm,” ars an gille. “’S ann oirbh féin a bhiodh an call bu mhò.” “An call bu mhò ormsa!” ars a’ bhean. “Ciamar a bhiodh an call ormsa?” “Bhitheadh mar so,” ars’ an gille. “Chaillinnsa na suidheagan, agus bhiodh sibhse na ’r bana-mheirleach. Chailleadh sibhse ’ur cliù, agus nach b’e sin call bu mhò na mo challsa.” Bha ’n gille gle cheart anns na thubhairt e. Esan a ghoideas no a ni gnothuch cearr, mi-onorach air-son buannachd bheag no mhor, tha e ga ’uallachadh fein le cionta a dh’ fhàgas na bhuinig e air bheag luach. Cumamaid so air chuimhne: Esan a ni eucoir air neach eile, ’s e fein a’s mò call. Naigheachdan. BAS AITHGHEARR—Thainig bàs aithghearr air fear Rob Buyman ann an Glace Bay, oidhche Dior-daoin, an 27mh latha de Nobhember. Bha e na ’shuidhe ann an séithir borbair, ’s am borbair ga ’bhearradh nuair a chaochail e gun chràdh no trioblaid sam bith. Bha ’m fear eile bruidhinn ris gu ùine gle ghoirid romh dha ’n anail a thilgeadh. EASLAINT CRUIDH ’SNA STAIDEAN—Tha easlaint air bristeadh a mach am measg a’ chruidh ann am Massachusetts, ’s cha ’n fhaodar a nis gin dhiu a chur air falbh as an stàid sin do dhùthaich eile. Tha ’n Riaghladh Breatunnach a’ diùltadh crodh á Massachusetts no na Stàidean timchioll oirre a leigeil air tir ann am Breatunn. B’ àbhaist a bhi cur moran de chrodh Chanada air falbh á puirt ’sna Stàidean, ach feumaidh sin atharrachadh air a’ gheamhradh so; bidh iad air an cur air falbh á puirt Chanada fhein. AN GEAMHRADH DA-RIREADH—Tha fior choltas a’ gheamhraidh air an t-sìde. Leig stoirm na seachduin s’a chaidh agus sneachd is reothadh na seachduin so ris dhuinn nach eil na geamhraidhean fuara doirbhe, air dol á cleachdadh idir. Shil tomhas math sneachda Di-luain agus thainig reothadh na chois. Bha Di-màirt pailt cho fuar ri aon latha thainig an uiridh am meadhon an fhaoilltich. Tha deagh rathad sleigh’ ann, ’s cluinnear fuaim nan clag air feadh na tìre. Cha’n eil duilichinn sam bith air daoine an geamhradh a thighinn cho tràth. Tha sìde bhlàth gle thaitneach, ach cha’n eil i nàdarra do’n dùthaich so mu’n àm so dhe ’n bhliadhna, ’s cha’n eil i idir, idir fallain. SGIORRADH UAMHASACH—Thachair sgiorradh uamhasach air an rathad-iaruinn aig Belmont, faisg air Truro, Di-sathuirne s’a chaidh. Chaidh trèin bhar an rathaid, ruith i do ’n chlais, agus bha na càraichean air an spealgadh. Bha sianar dhe ’n luchd-turuis agus aon de sgioba na trèine air am marbhadh. ’S e dh’ aobharaich an sgiorradh gu ’n do bhrist pilot na h-inneil, a’ tuiteam air an rathad ’s a togail na trèine ’s ga ’cur bhar nan rails. OBAIR ’SNA MEINNEAN—Tha na mèinnean guail ri bhi air an cumail air obair fad a’ gheamhraidh so. Tha margadh math air a’ ghual, agus gheibhear àite do gach tunna theid a chur a mach. Bha dùil roimhe so gu’m biodh cur-a-mach nam mèinnean air a lughdachadh, oir bha còrdadh a bh’ eadar cuideachd a’ ghuail agus cuideachd deanamh gas is coke ann an Everett, Massachusetts, air a bhristeadh. Ach chaidh còrdadh ùr a dheanamh, agus thatar a’ cur guail dh’ ionnsuidh na cuideachd sin mar a b’ àbhaist. Tha iad a’ ceannach tomhas mor guail na h-uile bliadhna. URRAM DO MHORAIR ROBERTS—Thainig sgeul thar cuain o chionn ghoirid gu robh Morair Roberts ri bhi air a dheanamh na Ridire a’ Ghartain, ach nuair thainig an t-àm, nach gabhadh e e, a chionn gu robh oifigich na Cùirte ag agairt dhuaisean nach robh na ’chomas a phàigheadh. Ma tha an sgeul so fior, cha mhisde Roberts idir e. Deanadh oifigich na cùirte as aonais nan duaisean. Tha cliù Mhorair Roberts a cheana mor: bidh ’ainm air chuimhne nuair bhios luchd iarraidh nan duaisean cho tur air diochuimhn ’s ged nach biodh iad riamh ann. Cha ’n eil “Bobs” an taing a’ Ghartain no suaicheantais sam bith eile. A’ COSG MORAN FUDAIR—O’n thainig an Carlo Alberto, soitheach Mharconi, do’n acarsaid so, chosg i moran fùdair a’ losgadh fhàilteachan. B’ e cheud aobhar a fhuaireadh air fàilte losgadh, breith-la righ Iomhair: air Di-luain, an ath latha, chaidh gunn’ air fhichead a losgadh. La no dha an deigh sin, bha breith-la righ na h-Eadailte fein ann, agus rinneadh an fhàilte cheudna chur air. Chaidh tuilleadh fùdair a chosg nuair a fhuaireadh fios gu robh urra bheag air ùr thighinn do theaghlach Bhictor Emanuel—’s na ’m bu ghille bhiodh ann bhiodh an gàirdeachas ni bu mhò, oir gu ruige so cha d’ fhuair an righ sin oighre-mic. An deigh sin thainig breith-la na banrigh Eadailteach, agus cha ’n fhòghnadh leo ach an dùrachd ’s an dòchas gu ’m biodh i fada beò, slàn, a chur an céill air a mhodh cheudna. IONMHAS AIG CRUGAR—Nuair dh’ fhàg Crugar Africa mu dheas thug e leis ionmhas mor a bhuineadh do riaghladh an Transbhaal, as an robh e fein ’s an Dotair Leyds a’ pàidheadh de chosdas a’ chogaidh na chitheadh iad iomchuidh. Thatar ag aithris gu bheil mu dha mhuillion gu leth dolair dhe ’n ionmhas sin air an làmhan fhathast, agus o’n striochd riaghladh an Transbhnal do Bhreatuinn, buinidh e, maille ris gach ni eile bu leis an riaghladh sin, do’n chrùn Bhreatunnach. Tha na Seanalairean Boerich eile ag iarraidh air Crugar ’s air Leyds an t-airgiod a thoirt seachad a chuideachadh nam Boerach a chaill an cuid de ’n t-saoghal anns a chogadh, ach tha ’n da churaidh sin air-son a chumail ’s ùisinneachadh aig am eile gus an Transbhaal a chur air ais air a’ bhonn air an robh e romh ’n chogadh, àm a tha a reir gach coltais gle fhad air falbh. BAIS LE SGIORRAIDHEAN—Air Dior-daoin, an 27mh latha de Nobhember, bha Tomas Sweeney, a mhuinntir Newfoundland, air a mharbhadh aig an obair-iaruinn. Di-haoine bha Domhnull Domhnullach air a mharbhadh air an rathad-iaruinn aig Baoghasdal. Bha e na bhrakesman air an trein, agus air dhi bhi dol air taobh-rathad leum e dhi ro-luath ’s chaidh a ghlacadh fo na cuibhlichean ’s a ghrad mharbhadh. Feasgar Di-sathuirne bha Domhnull O’ Handley air a mharbhadh ’san doigh cheudna aig an obair-iaruinn. Bhuineadh e do Bhaoghasdal ’s cha robh e ach naodh bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha e-fein ’s an Domhnullach a chaidh a mharbhadh aig an àite sin na ’n dlùth chompanaich. Bha Fearchar Domhnullach, a mhuinntir Shiudaig, air a mharbhadh aig Beinn a Mharmoir air an dara latha dhe ’n mhios so. Bha e ’g obair ’s a mhèinn-chloiche ’s thuit meall mor de chreig air a mhuin, ga phrannadh gu bàs. LITIR A BAILE-NAN-SEOBHAG. A CHARAID,—Tha mi ’sgriobhadh ga d’ ionnsuidh an diugh á ionad as nach cuala tu uam riamh roimhe—á Baile-nan-Seobhag (Hawkesbury)—baile bòidheach air taobh sear Caolas Chanso, far am bheil dùil agam an geamhradh a chur seachad le m’ theaghlach. Tha da rathad iaruinn againn an so le ’n cuid each-iaruinn a srannraich ’s a réiceil air ais ’s air aghart, cha mhor, anns gach uair de na ceithir-uaire-fichead. Tha ’n ùpraid a tòiseachadh mu ’n gann a bhuaileas e da uair dheug oidhche na Sàbaid, ’s tha e cumail air aghart gun mhoran clos gu meadhon oidhche Di-sathairne, agus air uairean, tha eagal orm, na ’s fhaide na sin de ’n oidhche ud. Ach their mi so, cho fad ’s is aithne dhomhsa, cha ’n ’eil moran de bhristeadh Sàbaid ri fhaicinn aig an àm ’n ar measg. Cha ’n ’eil ni gun a thrioblaid fhéin ’na chois. “Tha smùdan fhein á ceann gach fòid.” Tha soirbheachadh mor air tighinn gu Ceap Breatunn. Ach leis an t-soirbheachadh sin tha moran sluaigh de gach seorsa a taomadh a stigh oirnn. Tha iad ann an so as gach cearna de ’n t-saoghal ach beag, agus tha iad a toirt an cleachdannan féin agus, iomadh dhiubh, an droch stiùrannan fhéin leotha do ’n tir so, agus mar sin aingidheachd a faotainn neart ’n ar measg. Tha, mar an ceudna, Ceap Breatunn an diugh ann an cunnart bho thinneasan gabhaltach de gach seorsa, seach mar a bha e ann an latha na nithean beaga. Tha sinn ’san àm fo thomhas de chùram gu ’m faod a bhreac sgaoileadh anns a bhaile bheag so. Fhuaireadh i air bòrd da shoitheach anns an acarsaid bho cheann ghoirid. Chaidh gach faicill a ghnàthachadh, agus mur d’ fhuair i greim mu ’n robh fios gu ’n robh i ’san àite tha dùil nach téid i na ’s faide. Dh’ fhàg mi Eilean Prionns’ Iomhar aig toiseach Nobhember—“an t-eilean biadhchar mu ’n iadh an sàile”—agus do ’m buin an cliù “Gàradh a’ Gheodha.” Tha e ’m bliadhna làn de thoradh trom. Tha coirce, cruinneachd agus buntàta pailt ann, agus tha prìs chuimseach air gach ni a th’ aig an tuathanach ri ’sheachnadh. Pris a choirce, 32c; a bhuntàta, 25c; an ime, 20c. Tha flùr dùthcha a reic air $2.00 an ceud punnd; feur, air a cheangal, $10.00 an tunna, &c. Cha chòir gearain air na prìsean sin; ach tha ’n gearain dualach dhuinn uile. Tha thu fhéin a toirt iomradh o àm gu àm air bàs nan Gàidheal agus nam bana-Ghàidheal caomh a tha air an toirt uainn thall ’s a bhos. Tha e fàgail an t-saoghail so na ’s falaimhe dhuinn gu ’m bheil ar companaich agus luchd-eòlais ar n-òige gach bliadhna dol an ainneamhachd. ’S còir, mar an ceudna, gu ’m biodh e a cumail fa chomhair ar n-inntinn nach ’eil againn ann an so baile a mhaireas—gur luchd-cuairt sinne mar chàch anns an t-saoghal so. ’Nuair bha mi air mo chuairt shamhraidh am bliadhna, thaghail mi air bana-charaid chaomh, bantrach Chaluim Mhic Amhlaidh, taobh deas Abhainn Dennis, C. B., té air an tric a thaghail fear de m’ sheòrsa. Bha i aig an àm sin a mealtuinn tomhas de shlàinte. Bha i, mar a b’ àbhaist, aoidheil, geanail. Cha do shaoil mi gur e ’m bàs an ath sgeul a chluinninn m’a timchioll. Bha a companach ’na fhìor charaid do gach aobhar math, agus bha ise dha “na còmhnadh d’a réir féin” uile làithean a bheatha; agus an déigh a bhàis chum i air a h-aghaidh a cuideachadh le aobhar an Tighearna le mor fhialachd agus le dùrachd cridhe. Bha a dachaidh a ghnàth fosgailte do mhinistearan an t-soisgeul. Coltach ri aon eile air am bheil iomradh againn, bha seòmar [TD 91] [Vol. 11. No. 12. p. 3] aice ’na tigh anns an robh leabaidh agus bòrd agus cathair agus coinnleir, a chum agus an uair a thigeadh òglach an Tighearna d’a h-ionnsuidh gu ’n tionndadh e stigh an sin. Tha a bàs ’na bhuille ghoirt d’a teaghlach agus d’a càirdean gu léir, agus tha e a deanamh bearna nach beag anns an eaglais d’ am buineadh i. ’Nuair a phill mi air ais o’n chuairt a dh’ ainmich mi, bha mo dheadh choimhearsnach, “nàbaidh bun na h-ursainn,” Murchadh Mac Laomuinn, air dol as an t-sealladh. ’Nan robh mo thuineadh na b’ fhaide anns an àit’ ud, bhiodh e na b’ aonranaiche dhomh le esan a bhi as. Bu tric a thigeadh e a chur seachad uair no dha na m’ chuideachd. Fhuair mi e ’na dhuine tuigseach, geur-chuiseach, agus aig an robh tomhas air leth de dh’ eòlas a réir a chothrom a fhuair e ’na òige. Chuir luchd-leughaidh MHIC-TALLA eòlas air troimh na litrichean taitneach a bhiodh e ’sgriobhadh fo ’n ainm “Murchadh càm.” So mar a fhuair e ’n t-ainm dha fhein an toiseach: Bha e fhéin agus tàilleir anns a choimhearsnachd gu math mor aig a chéile. Rinn iad a sud suas latha eatorra fhéin gu ’n sgriobhadh iad litir am fear gu MAC-TALLA. ’S ann mar sin a bha; agus a thaobh gu ’m b’ e Murchadh an sgoileir Gàilig a b’ fhearr, thug an tàilleir a litir fhéin dha air son a ceartachadh ’s a cur an clò. Bha té dhe na sùilean aig Murchadh gun fhradharc ro mhath, agus bha ’n tàilleir crùbach. ’Nuair thàinig na litrichean am mach, ’s e na h-ainmean a bha riutha, “Murchadh càm” agus “An tàilleir crùbach.” Ghabh an tàilleir anns an t-sròin e, air son a bhi tilgeadh na crùbaich’ air, ’s cha ’n fhacas litir tuilleadh uaithe anns a’ MHAC-TALLA; ach lean Murchadh ris an ainm. ’S ann mar sin a fhuair do luchd-leughaidh eòlas air mo charaide còir nach maireann. Ach feumaidh mi stad. Slàn leat an diugh. C. C. SEARMON AIRSON NA H-OIGRIDH. Do bhrigh gu bheil e beo gu siorruidh gu eadar-ghuidhe a dheanamh air an son.—Eabh. Caib. 7-25. THA gach ùrnuigh a tha sinn a’ deanamh air a togail a suas ann an ainm Chriosd, agus tha gach ni a tha sinn ag aslachadh air Dia air iarraidh air sgàth Chriosd. Dh’ fhaodadh seann saighdear dol gu dorus an rìgh agus cuideachadh iarraidh air a shon féin agus air son a theaghlaich, ach dh’ fhaodadh e ’bhi nach b’ urrainn da ’bheag no mhòr fhaotainn—gu ’n diultadh iad e. Ach ’nan tachradh dha paipear no litir a bhi aige na phòca ’n laimh sgrìobhaidh an rìgh, ’g iarraidh air a dhol a dh’ ionnsuidh an doruis agus gu ’m faodadh e déirce is coimhneas iarraidh, ’sa gealltainn gu ’m faigheadh e iad, an sin bhiodh barantas aige ’dhol a dh’ ionnsuidh an doruis agus iarraidh, agus dh’ éisdeadh iad ris agus bheireadh iad dha cuideachadh agus coimhneas air sgàth an rìgh. Dh’ iarradh e ann an ainm an rìgh, agus le earbs’ anns a chead a fhuair e—direach mar a tha sinne ’g iarraidh ann an ùrnuigh air sgàth agus ann an ainm Chriosd. Freagarar iarradas an t-seann saighdear air sgàth an rìgh, agus freagarar ùrnuigh a chriosduidh ’san dòigh cheudna air sgàth Chriosd. Cha ’n ’eil e comasach do neach air bith a bhi sona as eugmhais caraid a bhi aige, agus tha ’h-uile duine glic a feuchainn mar is fearr a dh’ fhaodas e caraid a bhi aige anns am faod e earbsa. Ged a robh e na dhuine gòrach, peacach, aimideach air dhòighnean eile, feuchaidh e caraid a bhi aige. Cha ’n ’eil e comasach do neach a bhi sona gun charaid a bhi aige ’chum a bhi subhach leis na shonas agus duilich leis na bhròn: mur bi caraid a thaobh-eigin aige is eigin da a bhi mi-shona. Faic leanabh beag—caileagan is balaichean òga—ni iad companach de dh’ uan, de chù, de chalaman—labhraidh iad riutha, suidhidh iad leo, is ni iad companas riutha. Coma ’ta so? Tha do bhrìgh gu bheil e a réir an nàdair a thug Dia dhuinn, càirdean iarraidh is càirdean a bhi againn—feadhainn ris an dean sinn companas, ris an labhair sinn, aig am bheil gràdh oirnne, a bhitheas subhach no dubhach mar a bhios sinne. Nis, innsidh mi dhuibh na tha am bheachd leis a so:—Bha Innseanach còir an America mu thuath o cheann beagan bhliadhnaichean, a fhuair baile math fearainn o na daoine geala—na Sasunnaich—saor dha féin is da shliochd gu bràth, mar dhuais air son a dheadh ghiùlain ’s a chàirdeas seasmhach. Thog e a thigh air an fhearann, agus an sin bha e féin ’sa theaghlach a’ tàmh. Bha moran Shasunnach—daoine geala—dlùth dha. Bha iad suarach mu dheidhinn do bhrìgh gu ’m b’ Innseanach a bh’ ann. Cha robh déidh ac’ air, is cha mhò a nochd iad càirdeas air bith ris—’s e sin cha robh iad mar chàirdean da. Cha robh aige ach an t-aon leanabh, is dh’ fhàs am mac so tinn agus chaochail e. Cha deach a h-aon de na daoine geala ’ga choimhead, no gu labhairt ris an àm a bhròin—ni mò a chaidh iad a chuideachadh leis corp a mhic a chur fo ’n ùir. Latha no dha an déigh so thàinig e a dh’ ionnsuidh nan daoine geala agus thubhairt e riutha, “’Nuair a chaochail mac no nighean an duine ghil bha an t-Innseanach brònach—shil e a dheòir, chuidich e leibh an uaigh a chladhach, agus an fhòid a chuir thairis orra. Ach chaochail mac an Innseanaich thruaigh, ’s cha d’ thainig aon duine geal ’na chòir. Cha robh mulad air a h-aon agaibh—rinn mi uaigh mo mhic leam féin. Cha ’n urrainn mi fuireach ’san àite so ni ’s faide—cha ’n ’eil caraid agam ann—aon duin’ aig am bheil gràdh orm. Tha sibh suarach mu ’m thaobh—fàgaidh mi an t-àite.” Thog an t-Innseanach bochd air as an fhearann shaor a fhuair e. Thog e corp a mhic air mheadhoin oidhche, agus ghiùlain e féin ’sa bhean corp an leinibh da cheud mìle, troimh choille ’s troimh fhàsach, gus an do ràinig e àite am measg a luchd-dùthcha féin far am faodadh e caraid a bhi aige. Nach bu mhòr a ghràdh d’a leanabh—nach bu mhor an gràdh a bh’ aige air caraid? Cha b’ urrainn da ’bhi beò as eugmhais. Mar sin tha feum againne air caraid a h-uile latha—aon a bhios dlùth agus aig am bheil spéis duinn. Ach an uair a tha sinn lag, tinn, uirbheasach, bochd, tha mothachadh mor againn air an fheum a tha againn air caraid dìleas. An àm bàis, tha mothachadh làidir an sin againn air ar laigse féin, agus air an fheum a tha againn air caraid—air aon a bhi dlùth, is aig am bheil an toil agus an comas cuideachadh leinn. Nise, ’s e Iosa Criosd a cheart charaid sin. Bha esan aon uair ’na dhuine doilgheasach is eòlach air bròn. Cha ’n ’eil deuchainn a tha buailteach dhuinne nach d’ fhiosraich esan ’san fheòil, ged a bha e as eugmhais peacaidh—agus mar so tha comas aige cuideachadh leinn an àm ar deuchainn. Bha esan aon uair am péin a bhàis, agus dh’ fhiosraich e cia mar is urrainn da cuideachadh is furtachd a thoirt duinn ’san àm dheuchainneach sin. ’Bheil a h-aon agaibh bochd; bha esan bochd. ’Bheil a h-aon agaibh òg is lag; bha esan òg agus lag. Tha air uairibh deuchainnean is trioblaidean a’ tachairt oirbh, is iomadh ni nach tuig an saoghal agus air am bheil an saoghal aineolach, agus ann an lorg so tha ar cridhe lag, agus ar n-anam trom. Ach is fiosrach esan air gach ni de ’n t-seòrsa so, agus tha e do ghnàth dlùth is eòlach, toileach agus comasach air cuideachadh leibh ma dh’ iarras sibh e, agus mar is trice ’thig sibh d’a ionnsuidh ’s ann is fearr. Ach ged a tha caraid dlùth anns gach àm—gach latha fhad ’s is beò sinn—tha air mhodh àraid feum againn air an àm bàis. Innsidh mi dhuibh c’arson:—Bha ’n sud aon uair duine araid is bha trì chàirdean aige—bha e iomadh bliadhna a’ tàmh dlùth dhaibh, agus càirdeas mor eatorra. Ach rinneadh casaid an aghaidh an duine so ris an rìgh, agus dhìt an rìgh gu bàs e. Chual’ an duine bochd so, is bha e fo eagal is fo bhròn mor. Bha dùil aige gu ’n robh, gun teagamh, am bàs ri tachairt da an ùine ghoirid, ’s gu ’m fàgadh e a bhean ’sa chlann ann am bochduinn. An déigh iomadh latha ’s oidhche bhrònach chuir e roimhe gu ’n rachadh e an làthair an rìgh—gu ’m faigheadh e fear-eigin a rachadh leis, agus a labhradh as a leth. Chaidh e a dh’ ionnsuidh a thrì chàirdean. Anns a cheud dol a mach labhair e ris an t-aon do ’n d’ thug e am barrachd spéis, agus ghuidh e air-san dol maille ris a chum an righ; ach cha rachadh ceum—dhiùlt se e gu tur—cha ghluaiseadh e fad a choise air a shon. Chaidh e an sin a dh’ ionnsuidh an dara caraid; cho-aontaich esan, ach cha b’ ann gu toileach. Dh’ fhalbh iad le chéile, ach an uair a ràinig iad dorus tigh an rìgh, sheas a charaid is cha rachadh e ’stigh air an dorus. Phill e a dh’ ionnsuidh an treas fhir do ’n d’ thug e an tomhas bu lugha de ghràdh, agus ghuidh e airsan dol leis. Ghrad chaidh e maille ris. Bha eolas aig an rìgh air an fhear so, agus mòr spéis aig an rìgh dha. Ghlac e a charaid air laimh is thug e leis e an làthair an rìgh agus rinn e eadar-ghuidhe air a shon. Dh’ aslaich e an rìgh as a leth, agus thug an rìgh mathanas do ’n duine. Ged a bha e air a dhìteadh, gidheadh air sgàth an duine so thug an rìgh mathanas da. Nis, faicibh ciod is ciall da so. Tha tri nithean ann air am bheil daoine a’ smuainteachadh gu mor, agus air am bheil moran spéis aca, agus a tha na ’m beachd ’nan càirdean daibh. ’S iad sin an Saoghal—nithean an t-saoghail—airgiod agus òr—maoin is cothrom—spréidh—is gach ni ’th’ aig an t-saoghal so ri ’thoirt seachad. ’San dara àite an càirdean féin. ’San treas àite Iosa Criosd. Tha moran gràidh againn air a cheud ni—’s e sin an saoghal. Tha e am bitheantas ni ’s gràdhaiche leinn na ar càirdean, agus gu tric tha ’n tomhas is lugha de ghràdh againn do ar Slànuighear. An là na teinn agus a chruadail tha sinn ag amharc do ’n ionnsuidh so air son co-fhurtachd, agus a’ guidhe orra cuideachadh leinn—agus h-araid an àm bàis, ’n uair is éigin duinn dol an làthair an Rìgh mhoir. Ach an saoghal agus nithean an t-saoghail, cha ’n urrainn daibh dol ceum leinn. An uair a tha sinn air leaba bàis, cha ’n ’eil iad comasach air furtachd air bith a thoirt duinn, no ’bhi na’n cullaidh dhìon air dòigh sam bith an am bàis. Sleamhnuichidh an saoghal is gach cuil taic talamhaidh gu bràth air falbh uainn. Theid sinn an sin a dh’ ionnsuidh ar cairdean, ag aslachadh orra-san dol maille ruinn, ach céum ni ’s faide na dorus pàluinn an Rìgh mhòir cha ’n eil na’n comas dol. Gu dorus a bhaìs thig iad, ach céum ni’s faide cha’n eil na ’n comas trial—an sin gabhaidh iad an cead, agus is eigin dealachadh. Ach Iosa Criosd, an caraid air nach eil idir uiread de spéis againn ’sa tha againn air an t-saoghal agus air caìrdean eile, faodaidh esan—tha ’n comas aige—dol maille ruinn gu dorus lùchairt an Rìgh mhòir, agus faodaidh esan guidhe agus aslachadh as air leth—eadar-ghuidhe a dheanamh air ar son, agus mar so ar saoradh o dhìteadh siorruidh. Tha cuid de dhearbhainean am focal Dhe is miann leam sibh a leughaidh. Fosgalaibh am Biobull aig I. Eoin ii. [TD 92] [Vol. 11. No. 12. p. 4] 1. “Mo chlann bheag, na nithe so tha mi a’ sgrìobhadh do ’ur n-ionnsuidh, chum nach peacaich sibh. Agus ma pheacaicheas neach air bith, tha fear tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Criosd am fìrean.” A rìs aig Litir Phòil a chum nan Romanach, Caib. viii. 34. “Co a dhìteas? Is e Criosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’ éirich a rìs, agus a ta air deas làimh Dhe, neach a ta mar an ceudna a’ deanamh eadar-ghuidhe air as son-ne.” Tha sin ag aideachadh nach eil e furasda dhuinn beachd ceart a bhi againn air an doigh anns a bheil Criosd a’ deanamh eadar-ghuidhe air neamh as leth a phobuill air son na bhàsaich e. Ach chomhairleachamaid duibh an seachdaibh Caibideil deug de’n t-Soisgeul a reir Eoin a leughadh air ar sochdair, agus ann an sin tha e air a leigeil ris fhad ’sa tha e comasach dhuinn beachd a ghabhail air no thuigsinn. Dh’ fhuiling Criosd as leth a phobuill, agus tha e co-sheasamh ri ceartas Dhe maithneas a thoirt do pheacaich air sgàth an Tì àird agus naomh a rinn iobairt réite a thoirt seachad agus a dh’ fhuiling as an leth—a bhàsaich—am fìrean ’an àite neo-fhìrean. Tha an dòigh anns an urrain dasan guidhe as leth a phobuill féin air iomadh dòigh dealluichte o’n dòigh anns am faod aon duine guidhe air son duin’ eile. Faodaidh esan guidhe air ar son do ghnàth, agus cuideachadh leinn do ghnàth. ’S urrain dàsan so dheanamh; cha’n urrainn sinne. Tha’n comas aigese; cha’n eil e againne. Faiceamaid ciamar a tha so a’ tachairt. O cheann bheagan bhliadhnaichean bha cuid a dhaoine, ann an rioghachd àraidh, nach géileadh do lagh na rioghachd, is nach tugadh ùmhlachd do ’n uachdaran fo na chàradh iad. Bha so na cheannairc is na àr-a-mach an aghaidh an Rìgh agus laghannan na rìoghachd. ’Measg nan feadhnach a rinn so bha aon duine ann a bha gu h-àraidh ciontach os ceann chaìch. Chuireadh air a dheuchainn e—shuidh a chùirt—thugadh air an aghaidh na fianuisean—fhuaireas ciontach e, a’s bha e air a dhìteadh gu bàs—bàs na croiche fhulang. Bha’n Rìgh an déigh a làmh a chuir ri barantas a bhàis, agus bha’n latha air a shochdrachadh. Ach mu’n d’ thainig an latha chaidh duine mòr measail, a bha anabarrach gràdhach leis an Rìgh agus aon de chùirtearan, agus thubhairt e ris gu’n robh boireannach àraid aig an robh toil labhairt ris, agus gu’n do gheall esan labhairt ris an Righ air a son—agus ghuidh e air an Rìgh a faicinn agus eisdeachd na bha aice ri’ ràdh. Gheall an Rìgh a faicinn—shuidhich e latha agus uair, agus chaidh an t-àrd uasal leithe. Chuireadh a stigh do sheomair i, a’s chaidh an Rìgh a stigh far an robh i. Bha ise an sin air a dà ghlùn, agus deichnear phàisdean—mic a’s nigheannan—maille rithe, air an glùnaibh mar an céudna. Co bha ’n sin ach bean a’s clann an duine a bha air a dhìteadh gu bàs, a’s iad ag aslachadh air an Rìgh tròcair a dheanamh air an athair agus a bheatha a chaomhnadh. Thainig na deòir mhòr a nuas air gruaidhean an Rìgh—thainig reachd na mhuineal—cha b’ urrainn da facal a labhairt. Chaidh e’ mach, agus ’an ùine ghearr phill e air ais a’s paipear na laimh, a’ toirt maitheanais do’n duine a bha air a dhìteadh gu bàs—maitheanas saor—sàr làn mhaitheaneas do’n duine. Thug e so do’n mhhaoi—phill i dhachaidh le gaìrdeachas—dh’ fhosgladh dorus a phrìosan—agus fhuair i a companach, is rinn ise is esan ’s an teaghlach gaìrdeachas. ’Nis, so agaibh eadar ghuidhe air son duine ’an làthair duine, ach tha Criosd a’ deanamh eadar-ghuidhe ’an làthair Dhe. Bha so na eadar-ghuidhe air son aon duine, ach tha Criosd a’ deanamh eadar-ghuidhe air son a h-uile h-aon de mhuinntir féin. Bha so na eadar-ghuidhe air son aon bheatha aithghearr, ach tha Criosd a’ deanamh eadar-ghuidhe air son beatha shiorruidh. Bha so na ghuidhe air son aon pheacadh, ach tha Criosd a’ guidhe air son ar n-uile pheacanna. Bha so air son caraid, ach tha Criosd a’ deanamh eadar-ghuidhe air son nam feadhnach a bha na’n nàimhdean dà. Thearuinn an nì air an robh sin a’ labhairt o dhìteadh lagh saoghalta, ach tha eadar-ghuidhe Chriosd a’ tearnadh o mholachd lagh Dhe. Na ’m bitheadh a h-aon agaibhse, mo chàirdean oga, air ar glasadh a stigh ann am prìosan fo bhinn bàis, agus a mhiann oirbh iarradas a chuir a suas a dh’ ionnsuidh an Rìgh, a ghuidhe air son maitheanais, co ris a dh’ earbsa sibh air n-iarradas agus air guidhe? Co a chuireadh sibh a dh’ ionnsuidh an Rìgh leis? Nach cuireadh sibh an t-aon bu mheasaile a b’ urrainn duibh fhaotuinn ’san tìr—an caraid as an robh am barrachd earbsa agaibh, agus bu mheasaile agus a b’ uramaiche ’am beachd an Rìgh? Agus nach e Iosa Criosd an Tì sin is measaile ’san t-saoghal uile? Nach e an Tì is gràdhaiche leis an àrd Rìgh? Co e ris am bu chòir dhuibh air cùis earbsa a raoghainn airsan? ’Nam bitheadh sibh dol a dh’ earbsa athchuinge no iarradas as leth ar beatha do’n Rìgh, co ris a dh’ earbsa sibh e? An ann ri coigreach, no ri caraid blath-chridheach aig an robh gaol oirbh, a dhearbh a ghaol, ’sa bha mar an ceudna gràdhach leis an Rìgh, agus àrd na bheachd? Nach ann ris a charaid ghràdhach gu deimhinn? Nach canadh sibh so esan a dh’ eisdeas an Rìgh. So esan a tha àrd uramach ’sa chùirt. So esan a tha osceann gach h-aon eile—so mo charaid dileas dearbhta—agus so esan a chuimhnicheas ormsa. Tha Dia do ghnàth làn thoilichte le ’mhac féin—mac a ghràidh—agus tha e toileach deonach eisdeachd an uair an ni e eadar-ghuidhe air ar son. Agus nach eil fios agaibh gu bheil e air a ràdh gu bheil Criosd comasach iadsan a thearnadh a chum a chuid is faide, a thig a dh’ ionnsuidh Dhe na ainm san—do bhrigh gu bheil e do ghnàth beo gu eadar-ghuidhe a dheanamh air an son. Tha e air innseadh dhuinn ann an eachdraidh mu dheidhinn duine a bha air a dhìteadh gu bàs air son peacadh a thaobh-eigin anns an robh e cionntach. Bha brathair aige a chaill a làmh, agus a bha air a leonadh gu goirt air iomadh dòigh, a’ cogadh air son a Rìgh ’sa dhùthcha, is chaidh esan a stigh ’an làthair an Rìgh ’s na cùirte, is ghuidh e as leth a bhràthair. Thog e suas na bha aige de ’n laimh is ghuidh e orra maitheanas a thoirt da bhrathair air sgàth na dh’ fhuiling esan air son a dhùthcha. Chaidh a chùis leis—thug iad maitheanas da bhràthair air sgath na rinn esan air son a dhùthcha. Mar so tha Criosd air a leigeil ris duinn mar uan a bha air iobradh, agus a tha deanamh eadar-ghuidhe air ar son. Nis, mo chàirdean oga, thugaibh so leibh agus cuimhnichibh e. Tha ceithir nithibh ann a thaobh Chriosd a tha ga dheanamh na eadar-mheadhonair, dìreach air gach doìgh fregarach air ar son, agus innsibh mi dhuibh ciod iad na ceithir nithe sin. Air tus THA E NA AIRIDH—Tha e air gach doìgh fiachail toillteanach agus gu h-uile òidheirc. ’Nuair a ghuidheas esan as air leth, faodaidh e toillteanas fhala féin, toillteanas a bhàis féin, agus fhìrinnteachd is ùmhlachd iomlan agairt as air leth. Tha esan na airidh—na airidh ann féin, oir is e Mac Dhe; agus tha e na airidh air son na rinn e, oir thoill agus choisinn e na ’tha e a’ guidhe. O, cia tearuinte clann Dhe—deiscubuill Chriosd! Tha’n t-Athair do ’ghàth aig eisdeasachd a Mhic. Cha’n eil e comasach gu’m faìlneachadh an t-eadar-ghuidhe ’tha esan a’ deanamh. Cha ’n fhaìlnich aon ni a ghabh esan as laimh. Cha ’n eagal dhoibhsan a tha ’g earbsa as—air an cuartachadh mar a ta iad le deich mìle cunnart—buailteach do ghamhlas a’s mi-rùn an naimhdean—do chul-sleamhnachadh agus do bhuaireanain do-àireamh. Gidheadh cha ’n eagal dhoibhsan air son a’ bheil esan a’ guidhe—mì-thoillteanach, neo-airidh, mar a ta iadsan—tha esan na airidh agus eisdidh athair e do ghnàth. A rìs, ’san dara àite. Is fiosrach Criosd air na ’tha dhìth oirbh, air ar n-urasaibh. Bha e féin aon uair na leanabh mar a ta sibhse. Is aithne dha gach nì is urrainn cur oirbh—is urrainn dragh, no doruinn, no trioblaid a chur oirbh. Is aithne dhàsan ar cridheachan, ar smuaintean—cha’n eil nì sam bith air fhalach ’uaithe-san. Tha e eolach air ar n-iarradais, air ar tograinean, air n-eagail, air gach uile nì a bhuinneas duibh. Cha’n urrainn duibh nì air bith a chleith ’uaithe; agus mar so, ’n uair a tha e a’ deanamh eadar-ghuidhe air ar son, is fiosrach e air gach ni a b’ fhearrd sibh, agus a tha féumail duibh. Tha e mìle uair ni ’s eolaiche no air mathaireachain no sibh féin—agus mar a tha eolas tha ghliocas agus a ghràdh. ’San treas àite. Tha Criosd beo do ghnàth gu eadar-ghuidhe a dheanamh air ur son. Tha pàrantan math, athair agus mathair, gach h-aon agaibh a’ guidhe air ur son; agus tha càirdean cràbhach, as ministear diadhaidh—ach cha’n fhad is urrainn doibh so a dheanamh. Is eigin gum faigh gach h-aon duibh so bàs—feumaidh iad an saoghal so fhàgail, agus an ùine ghearr cha bhi h-aon duibh ri fhaicinn air aghaidh an t-saoghail mhòir. Ach Criosd, tha e beo an diugh, bithidh e beo a’ maireach—bithidh Esan beo ’n uair a thig sibhse gu bàs, agus a ruigeas ar-n-anaman an saoghal siorruidh. Agus an uair a dh’ fhosglar gach uaigh ’sa theid a ghrian fodha a’s nach éirich i tuille no gu bràth, agus nach bi gealach no réult air mhairrean, bithibh Esan ’an sin beo gu eadar-ghuidhe a dheanamh air son a shluaigh. Sguabaidh am bàs gach h-aon againn air falbh—ach tha Esan o bhibhuantachd gu bithbhuantachd, ’s co-ionnan da an duigh a’ maireach agus gu siorruidh. ’San aite ma dheireadh. Tha Criosd neo-chaochlaideach. Cha’n atharraich Esan gu dìlinn no gu bràth, agus ciod an t-aon nì eile nach atharraich? Atharraichidh na siantan—tha craobhan a’s blàithean ag atharrachadh, agus gach ni air am faod sùil dearcadh. Tha càirdean ag atharrachadh—cuid diubh an diugh dileas gradhach, gaolach—a’ maireach fuar, suarach, cealgach, dì-chuimhneach. Seadh faodaidh sinn uile caochladh agus atharrachadh—a bhi ’n drasda subhach sona, a rìs dubhach brònach—a nis gu slàn fallain, a’ maireach gu bochd breòite tinn—a nis, gach cuisle ’s a chridhe a’ bualadh gu réith laidir, agus ’am prioba na sùl gun phlosg, fuar, marbh. Ach Criosd cha ’n atharraich Esan a chaoidh no gu siorruidh—cha treig Esan a shluagh féin gu bràth—cha dìbir e iad—cha di-chuimhnich e iad. ’S eigin gu ’m bàsaich sinne—’s eigin gu’n tuit ar cuirp ’san ùir, gu ’n caidil iad ’san uaigh. Duisgidh sinn a ris air latha na h-aiseiridh. Ach ged a thachras so, cha’n atharraich Esan—tha Esan beo do ghnàth gu eadar-ghuidhe a dheanamh air son a dheiscubuill. Do nèamh nan nèimh chaidh e dh’ uidheamachadh àiteachan taimh agus fois air son a shluaigh, agus a chum an ghabhail da ionnsuidh féin ’san t-saoghal ghlormhoir sin. A’ measg gach ailleachd leis a’ bheil e air a chuartachadh cha’n eil e car mionaid a di-chuimhneachadh nan truaghan iosail air son na bhàsaich e—air son na dhoirt e fuil chraobhach a chridhe. Tha e gu siorruidh beo gu eadar-ghuidhe a dheanamh air an son. Tha a ghràdh o shiorruidheachd [TD 93] [Vol. 11. No. 12. p. 5] gu siorruidheachd—gràdh gun tomhas—gradh nach urrainnear a thuigsinn aig fheothas agus aig a mheud. O, cia glormhor Esan a tha tagradh cùis a shluaigh air nèimh! Iosa bheannaichte! is beannaichte gu bràth iadsan a dh’ earbas ann a t-ainm!—Tormad Mac Leoid, D. D. SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. XII. CHO luath ’s a rainig a’ cheud sheirbhiseach geata na luchairt, shaoil le luchd-gleidhidh a’ gheata gur e righ a bh’ ann leis cho maiseach ’s a bha ’n trusgan a bh’ uime, agus bha iad a’ dol a thoirt poige do dh’ iomall a thrusgain; ach bha ’n seirbhiseach air a theagasg leis an fhathach, agus thuirt e: “Cha ’n ’eil annainne ach seirbhisich; thig ar maighstir aig an am iomchuidh.” An sin chaidh na seirbhisich ’s na searbhantan gu leir a steach do ’n dara cuirt. Bha a chuirt so gle fharsuinn, agus bha aite-comhnuidh an righ agus uile luchd-muinntir an teaghlaich rioghail mor-thimchioll na cuirte so. Ged a bha oifigich an righ ann an eideadh maiseach, cha robh iad am faisge cho maiseach ann an eideadh ris na seirbhisich a chuir Aladin leis an tiodhlac do ’n luchairt. Cha ’n fhacas an leithidean riamh roimhe anns an luchairt. Cha robh eadhoin ard-mhaithean na cuirte no ard-uaislean na rioghachd ri bhith air an coimeas riutha ann an cruth no ’n eideadh. Bha fios aig an righ gu ’n robh iad a’ tighinn, agus thug e ordugh an leigeadh a steach do sheomar na comhairle. Chaidh iad a steach gu h-ordail ciuin, agus sheas buidheann dhiubh air an laimh dheis, agus buidheann eile air an lamh chli de ’n righ-chathair. An deigh dhaibh a dhol a steach agus seasamh anns an ordugh so, chuir na seirbhisich na miasan a bha iad a’ giulan air an lar-bhrat air beul-robh na righ-chathrach, agus leig iad iad-fhein ’nan sineadh air beulaobh an righ, a’ cur clar an aodainn air an lar-bhrat. Rinn na searbhantan a leithid cheudna. An uair a dh’ eirich iad uile ’nan seasamh, thug na seirbhisich an comhdach bhar nam miasan, agus sheas iad mu choinneamh an righ agus an lamhan paisgte air an uchd. Anns a’ cheart am chaidh mathair Aladin gu bonn na righ-chathrach, agus an uair a thug i urram dligheach do ’n righ, thuirt i ris: “Mo thighearna, tha fhios aig mo mhac, Aladin, a chuir an tiodhlac so do ’r n-ionnsuidh, gu ’m bheil bhur nighean moran na ’s fiachaile na aon tiodhlac a b’ urrainn duine sam bith a thoirt seachad; ach tha dochas aige, air a shon sin, gu ’n gabh bhur morachd an tiodhlac so, agus gu ’n cord e ri bhur nighinn, agus tha ’dhochas na ’s treise do bhrigh gu ’n d’ fheuch e le cabhaig ri dheanamh mar a dh’ aithn sibh dha.” Cha robh an righ comasach air cluas no aire thoirt do na labhair mathair Aladin ris. An uair a dh’ amhairc e air an da fhichead meis luma lan de sheudan cho maiseach, cho lainnireach, agus cho luachmhor ’s a chunnacas riamh, an da fhichead searbhanta, a bha araon maiseach ’nan cruth agus air an eideadh ann an trusgain anabarrach riomhach, bha e cho lan de dh’ ioghnadh ’s de thoileachadh ’s nach robh fhios aige gle mhath ciod a theireadh no dheanadh e. Ach mu dheireadh an aite freagairt a thoirt do mhathair Aladin, thuirt e ris an ard-chomhairleach, agus e fhein gle mhor fo ioghnadh mar an ceudna: “Seadh, ma ta, ard-chomhairlich, co tha thu smaointean a chuir an tiodhlac anabarrach luachmhor so g’ am ionnsuidh? Nach iongantach nach ’eil fhios aig fear seach fear dhinn co e? Am bheil thu ’smaointean gu ’m bheil e airidh air mo nighinn?” Ged a bha eud air an ard-chomhairleach a chionn gu ’n robh nighean an righ gus a bhith aig fear eile an aite bhith aig a mhac fhein mar a bha e ’n duil, cha bu dana leis a bheachd a chumail an cleith air an righ. Bha e soilleir gu leor dha gu ’n robh an tiodhlac a thug Aladin seachad a nochdadh gu ’n robh e airidh air a bhith ann an cleamhnas ris an righ; air an aobhar sin, fhreagair e mar so: “Mo thighearna, is fhad uam a radh nach ’eil am fear a thug dhuibh an tiodhlac maiseach, luachmhor so airidh air bhur nighinn; an aite sin is ann a theirinn gu ’m b’ airidh e air na b’ fhearr, mur b’ e gu ’m bheil mi lan-chinnteach nach ceannaicheadh ionmhas an t-saoghail bhur nighean.” An uair a chuala na morofhearan a bh’ anns a’ chomhairle na briathran so, bhuail iad am basan le aoibhneas. Cha do chuir an righ dail na b’ fhaide anns a’ chuis. Dh’ aontaich e a nighean a thoirt do Aladin, ach cha do smaoinich e air rannsachadh sam bith a dheanamh mu dheidhinn co dhiubh a bha no nach robh Aladin freagarrach anns gach doigh air son a bhith posda ri ’nighinn. Bha e gu nadarra ’smaointean gu ’n robh fear sam bith a bha comasach air an tiodhlac ro luachmhor ud a thoirt seachad ann an uine cho goirid gun dragh sam bith a chur air fhein, freagarrach, anns gach doigh air an iarrteadh e, gus a nighean a phosadh. Air an aobhar sin, a chum mathair Aladin a chur air ais le teachdaireachd aoibhnich thun a mic, thuirt e rithe: “A bhean mhath, bi falbh agus innis do d’ mhac gu ’m bheil mise ’feitheamh gus failte chridheil a chur air; agus mar is luaithe thig e gus mo nighean a phosadh, gur ann is mo a bheir e de thoileachadh dhomh.” Dh’ fhalbh mathair Aladin dhachaidh, agus, mar a bha nadarra gu leor dhi, bha aoibhneas mor oirre a chionn gu ’n robh a mac gus a bhith ann an suidheachadh na b’ airde na b’ urrainn i roimhe sid a chreidsinn. Aig a’ cheart am chuir an righ a’ chomhairle mar sgaoil, agus dh’ ordaich e na miasan oir anns an robh na seudan a thoirt do ’n t-seomar anns an robh a nighean, a chum gu ’m faiceadh i cho luachmhor agus cho maiseach ’s a bha iad. Thug an righ na seirbhisich ’s na searbhantan do ’n luchairt; agus an ceann beagan uine thugadh orra seasamh mu choinneamh uinneag an t-seomair anns an robh nighean an righ a chum gu ’m faiceadh i iad troimh ’n uinneig, agus gu ’n tuigeadh i nach robh e deanamh tuilleadh ’s a’ choir de mholadh orra. Anns a cheart am rainig mathair Aladin dhachaidh, agus bha ’n sunnd agus an aoidh a bh’ oirre a’ nochdadh gu ’n robh naigheachd mhath aice. “A mhic,” ars’ ise, “tha h-uile aobhar agad air a bhith toilichte. Rud ris nach robh duil sam bith agamsa, tha thu nis air tighinn a dh’ ionnsuidh na h-inbh’ aird ris an robh thu ’g amharc. Gun do chumail ann an iomacheist na ’s fhaide, tha ’n righ, le aonta nan comhairleach gu leir, ag aideachadh gu follaiseach gu ’m bheil thu airidh air gu ’n tugadh e dhut a nighean ri ’posadh, agus tha e ’feitheamh gus an cuir e failte chridheil ort, agus ’na dheigh sin, nithear am posadh. Air an aobhar sin, feumaidh tu smaointean air ulluchadh a dheanamh gu comhdhail a chumail ris an righ, a chum gu ’n gleidh thu am meas mor a th’ aig an righ ort. Agus an deigh nan nithean iongantach a chunnaic mi thu ’deanamh, tha mi ’creidsinn nach bi rud sam bith a dhith ort. Ach cha ’n fhaod mi dearmad a dheanamh air innseadh dhut, gu ’m bi an righ a’ gabhail fadachd gus an ruig thu; air an aobhar sin, bi falbh gun dail sam bith.” Bha aoibhneas mor air Aladin an uair a chual’ e an naigheachd a thug a mhathair g’ a ionnsuidh, ach cha dubhairt e moran ri ’mhathair mu dheidhinn ciod a bha ’na bheachd a dheanamh. Chaidh e d’ a sheomar fhein, agus an uair a thug e suathadh air a’ chruisgean, ghrad thainig am fathach mar bu ghnath leis. “Fhathaich,” ars’ Aladin, “feumaidh mi mi-fhin fharagadh anns a’ mhionaid; agus feumaidh tu deise fhaotainn dhomh cho maiseach agus cho riomhach ’s a bha aig righ riamh anns an t-saoghal.” Cha bu luaithe labhair Aladin na briathran so na thug am fathach leis e; agus cha robh neach sam bith comasach air am faicinn. Thug am fathach e do thaigh-faragaidh cho briagha ’s a chunnaic duine riamh. Ged nach robh e ’faicinn neach sam bith, thugadh dheth a chuid aodaich, agus chaidh fharagadh ann an uisge blath, agus le uisgeachan as an robh faileadh cubhraidh. An deigh a h-uile faragadh a rinneadh air, bha a chraicionn cho min ’s cho glan ’s cho geal ’s a b’ urrainn a bhith. Agus chuireadh deise uime a bha anabarrach uile fhein maiseach agus riomhach. An uair a bha e ’na lan eideadh, thug am fathach air ais e d’ a sheomar fhein, agus thuirt e ris: “Am bheil àithne sam bith eile agad ri thoirt dhomh?” “Tha,” ars’ Aladin; “bheir thu gun dail g’ am ionnsuidh each a’s fhearr agus a’s briagha na h-aon a th’ ann an stabull an righ, agus biodh an diollaid, an t-srian, agus a chuid eile dhe ’n acfhuinn cho luachmhor ’s gur fhiach iad millein bonn oir. Feumaidh mi mar an ceudna fichead seirbhiseach air am bi eideadh cho riomhach ’s a bh’ air an fheadhainn a chaidh leis an tiodhlac thun an righ, a chum gu ’m bi iad a’ coiseachd ri mo thaobh agus ’nam dheigh, agus fichead eile a bhios a’ coiseachd romham. A bharrachd air a so, bheir thu sia searbhantan thun mo mhathar gus a bhith frithealadh dhi, agus biodh iad ann an eideadh cho riomhach agus cho eireachdail ris na searbhantan a tha ’frithealadh do nighean an righ. Tha mi mar an ceudna ag iarraidh deich mile bonn oir ann an deich sporrain. Bi falbh, agus greas ort.” Cha bu luaithe thug Aladin an t-ordugh so do ’n fhathach na chaidh e as an t-sealladh. Ann an uine ghoirid thill e agus an t-each aige, agus an da fhichead seirbhiseach, agus sporran am fear anns an robh mile bonn oir aig deichnear dhiubh, agus na sia searbhantan, agus trusgan riomhach aig gach te dhiubh air son a mhathar. Thug Aladin ceithir dhe na sporrain dh’ a mhathair gus gach deisealachd a bhiodh a dhith oirre a cheannach; ach dh’ fhag e na sia eile aig na seirbhisich aig an robh iad, agus dh’ ordaich e dhaibh lan an duirn dhe ’n or a thilgeadh an sid ’s an so mar a bhiodh iad ag imeachd air an aghart troimh na sraidean gus an ruigeadh iad luchairt an righ. Rinn na sia seirbhisich mar a dh’ ordaicheadh dhaibh, agus iad ag imeachd air thoiseach air, triuir air a laimh dheis, agus triuir air a laimh chli. Thug e na sia searbhantan dh’ a mhathair, agus thuirt e riutha gu ’n robh aca ri bhith ’frithealadh dhi, agus gu ’m b’ ann air a son a bha na sia trusgain a bha iad a’ giulan air an cinn. An uair a fhuair Aladin gach gnothach air doigh cho math ’s bu mhiann leis, thuirt e ris an fhathach gu ’m faodadh e bhith falbh, agus gu ’n chireadh e fios air an uair a bhiodh feum aig’ air; agus ann am priobadh na sul chaidh am fathach as an t-sealladh. Cha robh ni a’ cur curam air Aladin ach [TD 94] [Vol. 11. No. 12. p. 6] greasad air a dhol far an robh an righ mar a dh’ iarradh air. Chuir e fear dhe ’n da fhichead seirbhiseach do ’n luchairt a chum gu ’m feoraicheadh e dhe ’n ard-oifigeach c’uin a dh’ fhaodadh e tighinn gus e fhein a shleuchdadh fa chomhair an righ. Rinn an seirbhiseach mar a dh’ aithneadh dha, agus thill e air ais gun dail le fios gu ’n robh an righ a’ gabhail fadachd gus an ruigeadh e. (Ri leantuinn.) Driod-fhortain Eobhain Spiocaich. CHA ’n aithrisear an so ’ainm no ’shloinneadh no ’àite-còmhnaidh; cha ’n eilear toileach a mhasladh le ’chur am beul an t-saoghail. Bha e air a dheagh dhòigh, ach bha e na ’dhuine cho spiocach ’s a ghabhadh faotainn. Nuair thainig MAC-TALLA ’mach an toiseach, chuir e stigh air a shon, ach leig e le bliadhna ’n deigh bliadhna ruith seachad gun a phàidheadh, gus mu dheireadh am b’ fheudar am paipeir a stad air. Cha do chuir sin gluasad sam bith air cogais Eóbhain. Leig e leis an ainbheach seasamh na ’aghaidh, agus thòisich e ri gabhail a’ phaipeir an iasad o nàbaidh—duine ciùin, còir, nach diùltadh comain a chur air neach sam bith, ’s nach do dhiùlt an t-iasad do Eóbhan ged bha chogais ga ’dhìteadh ’s ged thug thug e bòid uair is uair nach toireadh e dha tuilleadh e. Aon latha toiseach an fhoghair chuir Eóbhan brogach mic dha air falbh gu taigh a nàbaidh a dh’ iarraidh a’ phaipeir mar a b’ àbhaist. Bha ’n gille na ’chabhaig—bu toigh leis fhein na “Sgeulachdan Arabianach”—agus ghabh e rathad goirid a bha dol troimh thom coille. Aig beul an tuim bhuail e thairis air nead choinnspeach. Thug na coinnspeich as a dheigh, ’s mu ’n robh fhios aige dé thachair, bha e cho breac dearg ’s ged bhiodh e air éirigh as a’ ghriùraich. Chual’ Eobhan, ’s e ’sgioblachadh mu dhorus an t-sabhail, an gille ’g eibheach ’s a’ gearain, ’s shìn e mach a dh’ fheuchainn dé bha cearr air. Chaidh e leum feansa na buaile, ’s ghreimich miar na chuid aodaich, ga ’sthròiceadh gu dona, agus mu ’n d’ fhuair e cuibhteas an fheansa bhrist da chliath dhi fodha, ’s dh’ fhàg e chuid a b’ fhearr dhe ’n triubhais, a chosd ceithir dolair. Nuair fhuair an crodh am bealach, thug iad a stigh dh’ an phàirc arbhair, agus dh’ ith iad uiread dhe ’n bhàrr ghorm ’s gu robh ’m bàs air té dhiù ’s an tòchd air a dha eile mu ’n do thuit an oidhche. Thug Peigidh, bean Eóbhain, fa-near dhaibh ’san arbhar, ’s chaidh i ga ’n tilleadh. Eadar an teine ’s an dorus bhuail i ’sa chrannachan, ga ’chur air a chliathaich ann am bascaid làn clòimhe anns an robh cóig piseagan. Cha ’n eil fhios co-dhiù rinneadh am marbhadh no ’m bàthadh, ach cha d’ rinn na piseagan bochda miag tuilleadh. Bha ’m pàisde air fhàgail gun bhanaltrum ’s thuit e as a chreathaill. An deigh bhi treis a’ màgaran ’san uachdar, dh’ iomain e e-fhein do cheann-shios an taighe, far ’n do mhill e brat-ùrlair ùr a b’ fhiach cóig dolair fhichead. Nuair a bha Peigidh a saodachadh a chruidh as an arbhar thuit i, ’s chaidh i á caol an dùirn, ’s chaill i miaran airgid ’s fàinn’ òir a chuir Seumas a bràthair ga ’h-ionnsuidh á Clondaic. Thòisich i an sin ri stuigeadh a’ choin ’sa chrodh, ach ’s ann a thug esan as deigh nan cearc, ’s mharbh e da chearc-ghur ’s thug e ’n stiùir as a’ choileach. Thug e roid eile as deigh nan laogh. Theich iadsan a stigh do ’n chidsinn; dh’ òl iad na bh’ air fhàgail dhe ’n uachdar, ’s chagainn iad a dha no tri de na leintean-geala bha Peigidh air ùr-iarnachadh. A’ gabhail cothrom air gach ùpraid a bh’ ann, theich an aon nighean a bh’ air tighinn gu ìre leis an sgallaig, ’s b’ e ’n ath sgeul a fhuaireadh orra gu ’n robh iad pòsda, ged nach b’ fhiach esan bonn-a-sia. Bu trom-inntinneach, éisleanach a’ chuideachd a shuidh mu chlach-an-teintein an oidhche sin, ’s chaidh iomadh latha seachad mu ’n robh iad ann an saod ceart a rithist. Chosd leigheas aodann a’ bhrogaich ’s caol-dùirn Peigidh da thurus dh’ ionnsuidh an dotair ’s da dholair dheug air-son cùngaidhean, agus b’ fheudar dhaibh searbhanta fhasdadh air ochd dolair ’sa mhios a dheanadh obair na h-ighinn a theich leis an sgallaig. Ach rinn na driod-fhortain anabarrach so a dh’ aobharaich a chuid spìocaireachd fhein drùghadh mor air Eóbhan, agas tha e air a dhòighean atharrachadh. Chualas e ’g radh o chionn ghoirid gu robh làn dhùil aige ainbheach MHIC-TALLA phàidheadh, ’s cur ga ’iarraidh dha fein a rithist aig toiseach na Bliadhn’ ùire. IAIN BAN AGUS BORD NA SGOIL. LE AONGHAS MAC EANRUIG. BHA Iain Bàn Choire-chaorain, na dhuine còir, socrach, ciallach, agus fo dheagh mheas anns an sgìreachd. Ged nach bu toil leis aideachadh, bha e dà fhichead bliadhna dh’ aois m’ a bha e latha—agus riamh cha do phòs e. Bha àite-suidhe aige ann am Bòrd na Sgoil bho chionn choig-bliadhn’-deug; ach, a nis, bha ’choltas air nach sealbhaicheadh e an t-urram sin mòran na b’ fhaide. Bha bòrd ùr gu ’bhi air a thaghadh, agus bha fear no dha ag iarruidh a’ stigh a bharrachd air an fheadhainn a bha anns an t-seann bhòrd. Chunnaic Iain gu ’n robh e ann an geàrr chunnart, ’s gu ’m feumadh e a bhogha ’s a bhalg a chur air, agus teannadh a’ mach air feadh an t-sluaigh ’g am brosnachadh gu cuideachadh leis. Maduinn shoilleir, ghrianach, bial ri seachduinn roi’ latha ’n taghaidh spàrr e an diollaid air an each dhonn agus thog e air. Cha robh duine sean no òg, mòr no beag, a bha pàigheadh cho àrd ri ceithir puinnd Shasunnach mhàil air nach do thaghail e. Bha inntinn glé aotrom a falbh bho dhorus gu dorus, agus bho bhaile gu baile. Bha e a faotainn tuillidh gheallaidhnean ’s a bha fiughair aige, ’s bha e ann am fonn anabarrach. Mu dheireadh ruith e air a h-uile tigh a bh’ ann ach a h-aon. B’ e sin tigh Seonaid ni ’n Dòmhnuill—tigh beag, bòidheach, dà stuadhach a bha fìor thaobh an rathaid. Seonaid ni ’n Dòmhnuill! Ged a bha a ghrian air dol fodha bho chionn fada, leig Iain leis an each dhonn falbh air a mhìn-shocair, ’us thòisich e air smaointeachadh ’s air meòrachadh. ’S math a bha cuimhne aige nuair a bha e ’n a “Dhonnachadh òg,” ’s a bha e féin ’s Seonaid gle eòlach air a chéile. ’S an àm ud bha e ’am beachd nach robh coimeas dh’ i air ùr uachdar an t-saoghail, ’us nach b’ urrainn dha ’bhi beo a bheag ’s am bith a dh’ uine ás a h-eugais. Agus gu ’n teagamh bha ise ’cheart cho fada air a shon-san ’s a bha esan air a son-se. Ach, mar a’s minic a thachair, bha connsachadh aca m’a dhéighinn rud faoin air choir-eiginn, agus chaidh iad a mach air a chéile. Bha Iain ’na ghille àrdanach, neo-air-thaingeil anns an àm ud, agus cha ghéilleadh e ’s an deò ann. Cho fhad ’s a bha na seann chuimhneachain so a ruith roi’ ’n inntinn aige ràinig e mu ’choinneamh an tighe. Leum e ás an diollaid, ’us cheangail e an t-each donn ri cachlaith e ghàraidh-chàil. Bhuail e an dorus agus chaidh fhàilteachadh a stigh do sheòmar snasail. Sheol Seònaid àite-suidhe dha, agus shuidh i fhéin air taobh eile a bhùird. Bha làn fhios aig Iain gu ’n robh e feumail Seonaid a chumail air a dòigh gu math, ma ’s e ’s gu ’n robh fiughair aige cuideachadh fhaotainn bh’ uaipe air latha ’n taghaidh. Leis a sin, thòisich e air labhairt air gnothaichean anns an saoileadh e am biodh tlachd aice, agus uidh air n-uidh, chaidh an seanachas air ais chum nan seann làithean agus nan seann luchd-eòlais. ’Am measg a h-uile rud a bh’ ann, chaidh iomradh a thoirt air mac-bràthar-athair dh’ ise a dh’ fhalbh a dh’ Australia bho chionn mòran bhliadhnachan. Thuirt i nach b’ fhada bho ’n a fhuair i fios bh’ uaithe, agus a dhealbh. Dh’ éirich i do sheotal na ciste, ’us thug i mach pasgan math do dhealbhan. ’N uair a bha i a taghadh a cheart fhir a bha ’dhìth orra thuit fear eile air an làr. Chrom Iain ’g a thogail, agus ’dé a b’ iongantaiche leis no a dhealbh fhéin fhaotainn ’n a làimh—dealbh a chaidh a tharruing ann an cuideachd Seonaid bho chionn dlùth air fichead bliadhna. ’N uair a chunnaic ise ’dé a bh’ aige, thàinig rughadh na gruaidh agus thionndaidh i a cùl-thaobh car tiotain. Chaidh na dealbhan a chur seachad agus shuidh i fhéin ’s e fhéin mar a bha iad roimhe. Smaointich esan gu ’n robh an t-àm aige fàth a thuruis a chur ’an céill. “A Sheonaid,” thuirt e, “tha mi cinnteach gu ’m bheil thu ’tuigsinn ’dé a thug ’g a d’ amharc mi a’ nochd.” Cha robh Seonaid buileach cinnteach, ach bha deagh amharus aice. Cha robh ise, am boireannach laghach, a gabhail mòran suim de Bhòrd na Sgoil no de bhòrd eile de ’n t-seòrsa. Cha robh forbhais ’sam bith aice gu ’n robh bòrd ùr ri ’thaghadh, agus mar sin cha do bhuail e riamh ’na h-inntinn gur e bhòtaichean air an robh Iain Bàn a’ sealg. ’S ann a shaoil leatha-se gur ’h-ann air gnothach eile ’bha e—gnothach tur eadar-dhealaichte bho bhùird no bho sgoiltean. Eadarainn fhéin, cha robh a chaochladh beachd aice ach gur h-ann a bha e ’an déigh tighinn, mu ’dheireadh, gu rud-eiginn de mhuthachadh, agus gur ’h-ann ga h-iarruidh mar mnaoi a bha e. “Tha comhstath beag agam ri ’chur m’a d’ choinneamh,” ars’ Iain, “agus tha mi ’n dòchas nach diùlt thu. Anns a’ ghnothach so a th’ air thoiseach air daoine tha mi ’g earbsa riut gun thu ’g a m’ thréigsinn.” “Gun mi ’g a d’ thréigsinn,” fhreagair Seonaid; “gun mi ’g a d’ thréigsinn! Mata, ’s mi nach tréig. Cha ruigeadh tu ’leas sin iarraidh orm.” “Tha mi ro fhada ’n a d’ chomaine,” ars’ esan. “’N a m’ chomaine,” ars’ ise; “O, Iain, ’Iain, na bi ’bruidhinn ’s an dòigh sin.” “Co dhiubh,” thuirt esan, “cha ’n ’eil fear ann a’s dìsle bhios na mise anns gach ni a dh’ fhaodas éiridh ’suas no tighinn f’ ar comhair.” “Tha fhios agam gu math air sin,” fhreagair ise; “bha thu riamh a’ d’ dhuine cùramach, faicilleach. B’e latha na dunach an latha chuir teangannan breugach luchd-tuaileas eadarainn.” “Ach, a Sheònaid, stad! Tha thu ri ’thuigsinn gur ’h-ann a dh’ iarruidh—.” Cha do leig Seonaid leis dol na b’ fhaide. “Tha mi ’tuigsinn gu math. Thàinig thu ’g a m’ iarruidh air làimh. Sin agad mo làmh agus mo chridhe leatha, thuirt i, ’s i ’g a tilgeadh fhéin beo, slàn air broilleach Iain. “O, Iain, a ghràidh,” ghlaoidh i, “cha deachaidh tu á m’ chridhe riamh, agus a nochd tha mi na ’s sona na ’n righ a th’ air a’ chrùn.” ’Dé a b’ urrainn Iain Bàn bochd a dheanadh ’Nuair a sheall e ann an sùilean Seonaid, anns an robh gràdh agus caomhalachd a’ dearrsadh, cha b’ urrainn e inntinn no misneach fhaighinn gu ’ràdhuinn rithe gu ’n robh i air a mealladh, ’us fada ann a’ mearachd. Cha do chuir e riamh á barail i. ’An ceann beagan sheachdainnean, ’nuair a bha ùpraid Bòrd na Sgoil seachad, chaidh na gairmeannan a chuir a stigh, “’S gu ’n dail chaidh banais ’chur air bonn, ’S bha fonn air sean is og.” [TD 95] [Vol. 11. No. 12. p. 7] A’ Phiob-mhor. Oran, le Niall Ros, a choisinn duais aig a Mhòd Ghaidhealach. AIR FONN—“An Dubh-ghleannach.” Buan gu robh conaltradh ciatach Air a’ cheol is uaisle diarras; Brosnuchadh blasda nam briathran Dùisgeadh fonn gu seinn mar dh’ iarrta Siùnnsair nam pong fuaimneach, fialaidh, Ceol nam beann nach caill a bhriaghad, ’S i ’phiob-chogaidh a bh’ ann, Ho ro ghealladh na co ’chuireadh i, Trom orra ’seinn! Chluinnte cuis-aoibhneis nan àrmunn, Morchuis nan ùrlaran stàtail, Suaicheantas buaireasach Ghàidheal ’Dol le faoilt gu raontan bàsmhor, Fuaim nan sgiath is toirm na h-àr-fhaich, ’S loinnir nan lann liomhta stàilinn. ’S i ’phiob-chogaidh a bh’ ann, &c. B’ annsa leam inntleachd is deasachadh Ealdhain nam meur lùghmhor, spreigearra, ’Laimhseachadh nan ùrlar leadarra, ’Sa pronnadh nan siubhlaichean greasanta; B’ aluinn surd a chrùnluaitheis eireachdail Mar eunlaith nan crann le fonn a ceilearadh. Inneal cheannsalach na morchuis Sgeadaichte fo shioda srolach; Greadhnachas nam bréid a seoladh Torman dhos air ghleusadh ordail— Nuallan binn a seirm an comhail Canntaireachd an t-siùnnsair cheolmhoir. B’ fhonnmhor beadradh binn do sheanchais Anns na caisteil thriathach ainmeil, Lùchairtean ri taobh na fairge, Liath le aois nach caochail aimsir; Failte nam ceann-feadhna foirmeil Air gach mùr fo neoil an anamoich. Rogha-ciùil nan cuiridh crodha, Culaidh-ùigh nan aosmhor breoite; Dhùisgeadh i le gean a solais Subhachas an cliabh na h-oigridh: Mosglair aignidhean an dolais, Le caismeachd nan cumhachan bronach. Cianail muladach an tùirse Leis an tog do phoncan drùiteach, Tuireadh broin le dream na h-iùnndrain Airson bàs an cairdean mùirneach; Caoidh nam marbh a dhùin an sùilean Trom ’s a chadal bhuan gun dùsgadh. ’S minic a dh’ ùraich t-ùrlar dochas Dhiobarach ro-sgith air fogradh, ’Fulang fuadain cuain, is doruinn Choilltean fiadhaich cian gun solas— Eilthirich bho ghlinn an oige Chuimhnicheadh air Tir nam mor-bheann. ’S tric a chualas nuallan allamhor’, Sgal nam buadh ri uair a gharbh-chath, Uamhasach an gleachd nan armailt, Diarras nan laoch lùthmhor, meanmnach: Chluinnte do ghuth fuaimneach farbhais ’Brosnuchadh gaisge na h-Albainn. Ghluaiseadh t-aighear fhonnmhor, chaithreamach Beothalachd nan dannsair ealanta, ’Nuair a chruinnicheadh oigridh cheanalta, Cuirm, is ceol, is comhradh carthannach; Snuadh nam milidh, grinn mar leannain leo ’Cosnadh cridh’ nan ribhinn meal-shuileach. Buaidh air a’ luchd-ealadhain chùirteil, Piobairean cinneadail, dùthchail, Aig an cluinnear eagnuidh, mùirneach, Eolas a’ chiuil-mhoir gun mhùthadh, Sealbh nam buadh, is dileab ùrail Sinnsearachd nan triath ’s nam fiùran. Posadh aig L’Ardoise. A’ DHEAGH CHARAID,—Tha naigheachd agam dhut. Bha mi air banais o’n a sgriobh mi ugad roimhe, agus tha mi smaointean nach biodh e as an rathad cunntas aithghearr a chur gu MAC-TALLA mu ’n ghnothuch. ’S ann air Dior-daoin, an seachdamh latha fichead dhe ’n mhios a chaidh seachad a bha ’m posadh air a dheanamh. B’ e ’charaid og, Uilleam A. Mac Leoid o’n Bhagh ’n Iar, (West Bay Points), agus Mairi A. Nic Leoid a mhuinntir an àite so. Chaidh an t-snaim a cheangal gu diongmhalta leis an Urr. Uilleam Grannd, aig seann dachaidh bean na bainnse. An deigh a phosaidh bha bord air a chur mu choinneamh nan aoidhean air a lionadh leis a h-uile ni a b’ fhearr na chéile, chum an duine o’n leith a stigh a thoileachadh. Air do ’n chuirm a bhi seachad dh’ fhalbh a chàraid le deagh ghuidhe na bha lathair gu an dachaidh ’sa Bhagh ’n Iar. Lean beagan dhe ’n dlùth chairdean iad agus bha oidhche chridheil air a chur seachad le ceol agus dannsa gu uairean beaga na madne. Tha sinn a’ guidhe saoghal fada ’n deagh bheatha do’n charaid og. Tha sinn an dochas gu ’n gluais gnothaichean dhe ’n t-seorsa so muinntir eile gu deanadh mar an ceudna, agus nach bi na bainnsean cho ainneamh ’n ar measg a so suas ’sa bha iad roimhe so. Tha e gle bhochd a bhi faicinn a bhi toirt air falbh na h-igheannan bho ar dorsan; ach dh’ fhaodadh gu ’m bi na fleasgaich againne suas ri fleasgaich bhailtean eile, le mnathan a thoirt o na dorsan acasan. ’S fheudar sgur ma ’s leig mi ’n cat as a phoca. Ma thachras ni sam bith cuiridh mi fios ugad. Is mi do charaid, COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS. L’Ardoise, Dec. 3, 1902. Eilean I. Rinneadh an t-oran so le Aonghas Mac-Eacharan, an Glascho. Choisinn e duais aig a Mhòd—duais a thugadh seachad le Comunn de mhuinntir Mhuile ’s Eilean I. Tha m’ aigne trom gun sunnd Bho ’n rinn mi ’n tir nan Dùbh-Ghall tàmh, ’S mi fad o’n eilean ghuanach ud ’Tha maiseach uaine ’ghnàth; Cha ’n fhaic mi ’ghrian ’n àm direadh dhi, Le dubhradh stiopull àrd’, ’S mo chlaistneachd air a bodhradh orm Le glagraich ord is thàl. Gu ’m b’ fhearr ’bhi ’n I nan gruagaichean Le ’m mais’ thug buaidh air càch: Gur cungaidh-euslaint’ fhuar-uisge Le biolair uaine ’m bàrr; Le torman ciùin gun ghruaim orra Thig tuinn a’ chuain g’ a thràigh, Is Muile frìdheach fuar-bheannach Ri cur bho ’n fhuachd air sgàil. ’Nuair ni ’chuid bhlàithean ùrachadh Fo anail chùbhraidh Mhàigh, Bidh smeorach ’s ceol air thùs aice, ’S an dubh-lon dùisgidh càch; Bidh cuthag is gug-gùg aice Air lic ’s an Dùn gu h-àrd, ’S gu ’n gàrnaich i ’m fear lunndach Nach bi greim fo ’chùlaig tràth. Mu ’n nochd a’ ghrian ’san ùr-mhaduinn A gnuis bho chul nam màm, Gur moch a dh’ éireas riabhag ann ’Cur air a chiad-ghath failt; Bho chridhe taingeil brùchdaidh i Gu binn do ’n Chruithear dàn, ’S bidh raon nam flùr le ’n iobairt thùis’ Ri nochdadh ùmhlachd Dha. Gur maiseach, diasach, ditheineach A dhailtean sith ri fàs, ’S an neoinein bhan-bhuidh ’s liath-ghucag ’Cur air gach lianaig blàth; An seillein ruadh-bhreac dichiollach ’Toirt cual g’a chir bho ’m barr, ’S e cuimhneach air àm ganntachd, Oir tha ’n Geamhradh cranndaidh ’n dàn. Gu ’m faigh an t-ànrach acrach biadh ann, ’S coigreach cianail baigh; Tha suaimhneas ’s sith ann do ’n fhear sgith, ’S an dilleachdan gheibh blaths; Gur fàsach, flùrach, feurach e; ’S a’ ghrian dol siar ni dail Mu Staoirneig fhraochach, liath-chreagach, Mu ’n ciar i anns an t-sàil’. An am do ’n fheasgar ciaradh air, ’Nuair shileas liath-dhealt sèimh, Gu ’n cluinnear luinneag buachaille Le ’chuilein ’cuallach àil; Bidh iorram aotrom aig na laoich ’Cur sgoithean caol’ gu traigh, Le ianlaith ’chuain mu ’n timchioll, ’S cuartag-shionnachain bho ’n cuid ramh. Ma choimhlionar gu firinneach Mar dh’ innsear an roimh-radh A dh’ aisigeadh le ’r sinnsear dhuinn Mar dhileab troimh gach àl, Theid guth nam Manach éisdeachd ann Gu ’m fograr geum nam ba. ’S mu ’n dean an saoghal criochnachadh Bidh Eilean I mar bha. Iadsan a Phaigh. Iain Beutan, Mabou Coal Mines. Donnachadh Moireasdan, New Harris. Domhnull O’Handley, Bridgeport. Aonghas Mac Cuthais, Old Bridgeport. Uilleam Fortune, Old Bridgeport. Steaphain Graham, Campbell’s P. O. Iain M. Fearghasdan, Port Morien. An t-Urr A Mac-a-Phearsain, Bay St Lawrence Iain S. Gillios, Loch Ainslie. E. D. Nic Amhlaidh, Abhainn Dhennis. Domhnull Domhnullach, Big Harbor. Mor Nic Cuthaig, St. Urban, Que. Domhull Mac-Gillemhaoil, Priceville, Ont. Dughall Mac Gilleain, Priceville, Ont. Aonghas N. Moraidh, Graniteville, Vt. A. Mac Coinnich, San Francisco, Cala. Eachunn Mac Gilleain, Glascho, Alba. Ruairidh Mac Cuain, Glascho, Alba. I. G. Mac Aoidh, Lunnainn, Sasunn. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gacn gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 96] [Vol. 11. No. 12. p. 8] Oran do ’n Ghailig. FONN. Hó gur toigh leam, hé gur toigh leam, Hó gur toigh leam fhin a Ghàilig: ’S mor an toileachadh gu cinnteach A bhi cluinntinn cainnt mo mhàthar. ’Nuair thàinig MAC-TALL’ a m’ ionnsuidh, ’S e cho fonnar ann an Gàilig, Thug e toileachadh do m’ inntinn, ’S O, gu cinnteach chuir mi fàilt’ air. ’Chainnt ’san d’ fhuair mi toiseach m’ eolais, Agus treorachadh mo mhàthar, ’S ged a tha mi nis air liathadh, Cha do ghabh mi riamh dhith nàire. Cainnt tha binn am beul gach coisir, Gu seinn orain, shailm is dhànaibh; ’S ’nuair a chluichear i le fidhleir, Teichidh gach mi-ghean mar sgàile. ’S lionmhor urramach is uasal A thug buaidh an iomadh càs leath’, Ged tha iomadh burraidh suarach ’Deanamh luaidh oirre le tàire. Cluinnidh tu iad sud ri stialladh, Is ri riasladh, gun smid gràmar, Cainnt eile, ged tha i ciatach, Te nach cual’ iad riamh o ’màthair. ’S ni tha duilich leam ri chunntas, ’S a cur diumbadh air mo nàdar, Gu bheil cuid an diugh a m’ dhùthaich Leis nach diù mar chainnt a Ghàilig. Tha e aimideach is neonach, ’S cha bu choir e bhi ri ràdha, Gu ’m biodh clann nan Gaidheal coire Le ’n cuid prois a deanamh tàir oirr’. Ma theid cuid diu null ga ’n cosnadh ’Measg nan Geancach beagan ràidhean, ’Nuair a philleas iad do ’n tir so— Chaill na mi-sheal’aich an Gàilig! ’Chainnt a tha ’sa bhitheas snasmhor An tir ghasda nam ban àlainn: Tir nam beann, nam gleann ’s nan gaisgeach, Far an d’ fhuair mi tacan m’ àrach. Ach nach mis’ an duine gorach, A bhi comhradh mar a tha mi, Mu ’n a chainnt tha ’n diugh cho uasal ’San la chualas i aig Adhamh. Ged a shiubhladh neach na cuantan Deas is tuath air feadh gach cearna, C’ait’ an cluinn e cainnt is uaisle Na chluinnear aig sluagh Shaint Ann’s? Tha i nise ga ’craobh-sgaoileadh Feadh an t-saoghail anns gach àite: Tha i pailt an Carolina, ’S tha i ’m bliadhn’ ac’ an Chicago.* Thig mi nise gu co-dhùnadh Mu ’n coisinn mi diùmbadh pàirt dhibh; Ach tha ’Ghàilig leamsa cùbhraidh— Chuir mi ùigh innte na ’m phàisde. Mile beannachd gu MAC-TALLA! Gu ma fada fallain, slàn e: Gu ’n robh bhliadhnaichean air thalamh Mar a ghaineamh nach gabh àireamh. Fhuair mi an t-oran gasda so bho mo charaid “Gille-coma-leat-dheth” o cheann ghoirid, agus ged a b’ eolach air mi o cheann iomadh bliadhna cha robh fios agam gus a so gu ’n robh grìd na bàrdachd ann. Tha e diumbach de ’n mhuinntir a tha deanamh tàir air a Ghàilig, agus tha e an so a toirt ruith de ’n teangaidh dhaibh; ’s mo thogair aca. Cha ’n ’eil annt’ ach na blaomasdairean. “’S trom an eire an t-aineolas.” Tha ’m bàrd ’na dhuine dàimheil, cinneadail, càirdeil, ach nochdaidh na rannan a leanas, na ’n gabhadh e ’na cheann e, gu ’m bheil e làn chomasach air iad fhein innse do ’n t-seorsa ud. Agus ged is ann eadar feala-dha ’s a rireadh a tha ’n t-ùghdar, cha ’n ’eil drannadh ann ach an tul-fhirinn. Tha mi cur an orain a d’ ionnsuidh. Tha fios agam gu ’n toir thu àite dha anns a’ MHAC-TALLA. CAS-AN-T-SIUBHAIL. *Aig Feill an t-saoghail ’sa bhliadhna 1895. Rann Leis an do cho-dhùin am Bàrd Mac-Gilleain an litir mu dheireadh a sgriobh e gu Domhnall a bhrathair. An nis tha toiseach toiseachaidh, Tha maduinn reota gheamhraidh ann, Tha beagan sneachd air lar againn, ’S cha dig am blaths gu bealltainn oirnn. Bidh moguisean is meatagan Mar chleachdadh an déidh shamhn’ againn, ’S gach neach is neul an fhuachd orra ’S air chrith cho luath ’s gun dannsadh iad. Diomoladh na Piob’-Thombaca. LE ALASDAIR DOMHNULLACH. AIR FONN— Hithill iuthill ho hill o, An Dotair Leodach ’s biodag air. Hithill iuthill ho hill o, Cha ’n ’eil foghnadh idir dhuit, ’S truagh nach robh thu le d’ phiob cham Greis thall ann am Virginia. Gheibheadh tu sgapt’ air na blàir ’S na h-àiteachan sin iomfhuasgladh, Far am bheil tombac’ a’ fàs Mar chàl ac’ air na h-imirean. Ach, ’Ghilleasbuig oig, a rùin, ’S ann tha smùid dhe d’ shimilear, ’S cha tig diocladh air an tràths Is crùn agad ri iomlaid. Cha bhi gean ort ’s i ’g ad dhith, ’S mi-thlachdmhor e gur frithear thu, Mar bhodachan a’ chinn léithe ’S gun deud aige le ’n itheadh e. Cha robh thu ach balach og ’Nuair thoisich thu ri dinneadh innt’; ’N diugh ged bhiodh Mac Criomain beo ’S e ceo na ’cheol bu ghrinne leat. Tha Aindrea, do bhràthair og, Ro-ghorach mu na cruinneagan; Cha ’n iarr thusa bean ri d’ bheo, No pog ach ceo na duilleige. Na ’n creideadh tu naigheachd fhior M’a réir, is olc an luibh dhut i, Dh’ fhàg i d’ aghaidh tana, geur, Is t’ fhiaclan mar am buidheagan. ’S mor gu ’m b’ fhearr dhut bainne blàth, Fion, no càl a shluigeadh tu, ’Dheanadh barrachd feum dha t’ fheoil Na dheanadh ceo is smugaidean. FHREAGAIR GILLEASBUIG, GA ’MOLADH. Tha mi ’d chomain, a dhuin’ oig, A dh’ ordaich mi ’Virginia! Tha tombac agam gu leoir, ’S ’n am phocaid or ’na ghinidhean. ’S i mo leannan-s’ a’ phiob chrom Nach iarr m’ a com na ribeanan; Tha i torach gun bhi trom, Mo nighean donn gu sgiobalta. Gur a ciatach, caoimhneil, blàth, Fialaidh, pàirteach, milis i; Bidh i comhla rium ’s gach àit’, Is m’ fhàillinnean cha ’n innis i. Na ’m biodh tusa, ’s do shron fuar, Air a’ chuan ag iomaramh, Cha bhiodh tu idir cho luath Le d’ dhuanagan ga ’dhiomoladh. Na ’m biodh tu caithris na h-oidhch’, Gun choinnlean no gun tein’ agad, Theireadh tu mar thuirt mi ’n raoir, ’S ann oirr’ tha loinn ’san t-eireachdas. Faodaidh Aindrea posadh tràth Mairi bhàn no Iseabal; Ni a’ phiob mo chumail-s’ blàth, ’S cha chluinn mi ràn nan iseanan. Theirig thusa do ’n tigh-osd’, ’S dean do leoir a shlugadh ann, Cuiridh mise suas mo cheo, Co ’s fhaide beo—an tuig thu mi? ’S iomadh feum ’tha air a’ phiob, Ach cha ’n inns’ mi uile iad; Cuimhnichidh mi air an uaigh, ’Nuair chi mi luath na duilleige. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 97] [Vol. 11. No. 13. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DECEMBER 26, 1902. No. 13. NOLLAIG CHRIDHEIL. BIDH an Nollaig seachad mu ’n ruig an àireamh so na leughadairean, ach ged nach faic iadsan e, bidh dùrachd MHIC-TALLA air a chur an clò mu ’n tig an Nollaig, agus ma ni dùrachd math no deagh ghuidhe feum, bidh am feum deante an deagh àm do ar càirdean ’s do na Gàidheil uile. Tha sinn an dòchas gu ’m faigh an Nollaig na Gàidheil anns gach cearna dhe ’n t-saoghal ’s am bheil iad, a’ mealtuinn an slàinte, a’ faotainn air adhart gu soirbheachail, ’s ann an sìth ’s an càirdeas na ’m measg féin ’s ri muinntir eile. Tha an aimsir so air a cumail mar chuimhneachain air an oidhche shona sin ’san deachaidh deagh sgeul a mhor-aoibhneis aithris air tùs le teachdairean nèamhaidh, gun d’ rugadh Slànuighear ann am baile Dhaibhidh. An cois an sgéil sin bha sìth air thalamh agus deagh-ghean do dhaoine air an gairm, agus ré nan naodh ceud deug bliadhna a ruith thairis o’n oidhche sin, tha rioghachd na sìthe ’s an deagh-ghean a’ fàs ’s a’ meudachadh. Agus is mithich dhuinne, ’tha ’n seilbh air gach sochair agus solus a dh’ ullaicheadh air ar son le dichioll is gliocas nan linn sin, an aimsir so a chur seachad air dhòigh a bhios cuideachail do fhàs ’s do mheudachadh gach ni a tha ceart agus deagh-bheusach. Agus ’s ann a réir ’s mar a ni sinn sin a bhios ar Nollaig “math” agus “cridheil” anns an t-seadh a’s fìrinniche ’s a’s fhearr. Tha moran de sheana chleachdaidhean nan Gàidheal air an cur air chùl—cuid is math leinn a bhi air chùl, agus cuid a tha sinn ag ionndrainn. Ach ged nach faicear an diugh gillean òga ’dol air Challuinn, ged nach cluinnear ach ainmig iomradh air cluichean Gàidhealach, ged tha ’m breacan ’s am féile-beag air dol á fasan, is Gàidheal an Gàidheal fhathast. Cha deanar Gàidheal le boineid iteagach no le brògan bucallach; ’s e tha deanamh an fhior Ghàidheil an cridhe blàth ’s an inntinn threun a tha ga ’ghluasad gu bhi leantuinn gu dlùth ri cliù a shinnsre, ’s gu bhi dìleas mar bha iadsan. Cha tearc an àireamh, ged a tha iad sgapte: ach anns gach àite ’m bheil iad is tric a chluinnear iad mu ’n àm so a’ fàilteachadh a chéile anns na ceart bhriathran ’sam bheil MAC-TALLA an so ga m’ fàilteachadh uile:—“NOLLAIG MHATH CHRIDHEIL DHUIBH!” Far am bi Toil bidh Gniomh. THA Alasdair Domhnullach, Gàidheal earrasach a th’ ann an Clifton, Ohio, a’ cur roimhe gu ’n ceannaich e Abbotsford, an oighreachd a dh’ fhàg Sir Bhaltair Scott, air-son a toirt mar shaor ghibht do shluagh na h-Alba. Tha an tigh anns a cheart shuidheachadh ’san d’ fhàg Sir Bhaltair e—tha eadhon na leabhraichean ’s na dealbhan mar bha iad an là a chaochail e. Chosd an tigh ’s an àirneis air tùs cóig ceud mìle dolair. Tha an Domhnullach ri ’mholadh air-son na tha na ’bheachd a dheanamh. Bu mhath an gnothuch do Ghàidheal air choireigin urram a chur, air aon dòigh no dòigh eile, air na bàird Ghàidhealach. Tha an àireamh a’s motha dhiu gun uiread ’s an uaighean a bhi air an comharrachadh le leac-an-cuimhne ’tha co-fhreagairt ris an àite choisinn iad dhaibh féin ann an litreachas an dùthcha. Agus ni a’s tur-mhiosa, cha deacha bàrdachd aoin dhiubh ach bàrdachd Rob Dhuinn a mhàin a chur an clò ann an uidheam a tha idir creideasach. Ann an leabhraichean òran nam bàrd a’s fhearr, tha na facail air an droch litreachadh, na sreathan air an droch phongadh, agus obair a chlòthadair gun bhi idir saor o mhearachd. Dheanadh beagan mhìltean dholair sothair nam bàrd Gàidhealach gu h-iomlan a chur a mach, air an deagh dheasachadh, ’s ann an uidheam nach biodh air deireadh air na leabhraichean a’s fhearr. Agus tha na ficheadan de Ghàidheil ann a tha làn chomasach air na dheanadh sin a sheachnadh—tha sinn a’ creidsinn gu bheil àireamh nach beag dhiu na ’n luchd-leughaidh aig MAC-TALLA. Bu toigh leinn a chluinntinn gu bheil fear no fear-eigin a’ cur roimhe an gnothuch ionmholta sin a dheanamh. Far am bi toil bidh gniomh. Tuaireap Bhenesuela. CHUALA sinn sgeul air Bheuesuela roimhe, agus cha b’ iongantach leinn, ma bhios sinn beò, ged chluinneamaid sgeula oirre fhathast. B’ i ’n dùthaich bheag leibideach so a theab Breatunn agus na Stàidean a chur a mach air a chéile o chionn chóig bliadhna, agus tha e cinnteach gu leòr gur e ’n dòigh anns ’n do ghabh na Stàidean a pàirt an uair sin a’s coireach i bhi cho fior ladarna aig an àm so. Chunnaic na Bhenesuelich cho èasgaidh ’s a bha na Stàidean gu ’taobh a ghabhail an aghaidh Bhreatuinn, agus smaoinich iad, o’n bha na Stàidean mar sin ga ’n gabhail fo ’sgéith, nach bu chùram dhaibh, ’s gu ’m faodadh iad gach tàire ’s dùbhlan a thogradh iad a thoirt do aon sam bith de rioghachdan na Roinn-Eòrpa. Bha o chionn àireamh bhliadhnachan moran ainbheich aig Breatunn ’s aig a’ Ghearmailt air Bhenesuela, agus nuair shaoil iad gu robh àm pàidhidh air tighinn, dh’ fheuch iad ri pàidheadh fhaotainn. Ach cha robh sin furasda: dhiùlt Bhenesuela as is as a h-ainbheach ìocadh, agus nuair chaidh impidh a chur oirre, ’s ann chaidh gach Breatunnach is Gearmailteach a bha ’san dùthaich a ghlacadh ’s a thilgeadh am prìosan, agus gach ni a bhuineadh dhaibh a ghabhail an seilbh leis an stàid. An sin ghlac Breatunn ’s a’ Ghearmailt na bha de chabhlach-chogaidh aig Bhenesuela, agus beagan làithean an déigh sin ghlac iad a bailtean-puirt. Tha ’chùis a’ seasamh mar sin aig an àm so. Tha an da dhùthaich Eòrpach air-son seilbh a chumail air a taighean-cusbuinn gus am pàidh an teachd-a-steach an ainbheach. Tha na Bhenesuelich a nise deònach gu ’m biodh a chùis air a cur fa chomhair cùirt-réiteachaidh o’n tha iad a’ faicinn gu bheil na h-Eòrpaich a cheart da-rìreadh, agus nach eil e coltach gu ’n dean na Stàidean cur na ’n aghaidh. Bidh so na dheagh leasan do Bhenesuela—leasan air an robh i gle fheumach. Tha an sluagh, mar shluagh, anabarrach mor asda fein, an dùil gu bheil an duthaich an sealladh an t-saoghail co-ionann ri aon sam bith de na rioghachdan mora. Agus am fear a tha aca ’riaghladh thairis orra, Castro, cha ’n eil fear-riaghlaidh eile ann a’s fearr barail air fein; anns a bhuaidh sin tha e toirt bàrr eadhon air Impire na Gearmailt. Faodaidh e bhith gu ’n toir an t-achmhasan geur so air an riaghlair ’s air an t-sluaigh iad-fein fhaicinn mar thatar ga ’m faicinn le muinntir eile, agus mar an ceudna, gu ’n toir e orra thuigsinn nach ruig iad a leas am muinghinn a chur gu h-iomlan anns na Stàidean—gu ’m feum iad, mar dhùthaich, an sìth ’s an tearuinteachd a chosnadh le bhi modhail, ceart na ’n déiligeadh ri dùthchannan eile, ’s le bhi ’g ìocadh do luchd-nam-fiach mar is dligheach dhaibh a dheanamh. Cha ’n fhaigh dùthaich, ni ’s mò na gheibh duine, cliù no àrd-ainm, gun bhi ga ’chosnadh le deagh ghiùlan. Baile ’n Deagh Riaghlaidh. GUN teagamh sam bith cha ’n eil baile ’san Impireachd Bhreatunnaich a’s fhearr a tha air a riaghladh na baile-mor Ghlascho. Tha nise deich bliadhna fichead o ’n thòisich muinntir Ghlascho ri ath-leasachadh an riaghlaidh, agus anns an ùine sin ghabh iad iomadh ceum air adhart nach deach a ghabhail le muinntir baile riamh roimhe. Bha na taighean dorcha, salach, anns an robh moran easlaint is bochdainn a’ faotainn àite-tàimh, air an sguabadh air falbh, ’s aitreabhan matha comhartail air an cur na ’n àite. Chaidh obair-uisge fhosgladh nach eil ni ’s fearr ann, agus rathad charbad-sràide air am bheil am faradh gle iosal, agus a tha ’n deigh sin a’ cosnadh cóig ceud mile dolair do ’n bhaile na h-uile bliadhna. Buinidh an obair-sholuis agus an telefón do ’n bhaile cuideachd, agus tha pàircean, gàraidhean, raointean-cluich, leabhragain agus iomadh ni eile, ’san t-seilbh cheudna. Agus cha ’n eil am baile idir a’ tàmh le sin. Cha ’n eil ach beagan is da mhios air dol seachad o’n dh’ aontaich an riaghladh dlùth air ceithir muillion dolair a ghabhail an iasad air-son taighean ùra ’thogail do na bochdan. Tha am baile ’deanamh so uile, agus a’ deanamh probhaid air, ’s tha ’n sluagh a’ faotainn feum nan goireasan air prìsean reusanta. Tha Glascho mar sin na ’dheagh eisimpleir do bhailtean eile, beag is mor, anns gach cearna dhe ’n t-saoghal. An ni a tha comasach do Ghlascho tha e comasach do iomadh bail’ eile. B’ fhearr do ’n t-sluagh na goireasan air am bheil iad gu coitcheann a’ [TD 98] [Vol. 11. No. 13. p. 2] cur feum a chumail na ’n lamhan fein, na ’n toirt seachad, air beagan no air neoni, do chuideachdan saibhir a dh’ fhàsas reamhar air an cosd. An Ath Aireamh. ANNS an ath àireamh bidh sgeul àbhachdach againn o pheann Sheumais N. Mhic-Fhionghain, air am bheil ar leughadairean a cheana eòlach. Bidh dùil againn mar an ceudna ri sgriobhaidhean o phinn muinntir eile. Anns an àireamh so fein gheibhear mìr de dh’ eachdraidh Gàidhealtachd na h-Alba air a sgrìobhadh gu taitneach le “Iain”—rogha ’s tagha nam fear-sgeòil. Agus tha làn dhòchas againn gu ’m bi sinn a’ cluinntinn uaithe gu math tric ré a gheamhraidh. Cor nan Leoghasach. THA so ’na sgeul ainmeil an diugh feadh na Gàidhealtachd agus ann an crìochan eile. A réir cunntais tha na Leòghaisich na ’s lionmhoire na bu chòir dhaibh a bhi. Tha iad a’ giùlan a mach na h-àithne ud a thugadh do ar ceud sìnnsear air dòighean ro éifeachdach, agus mar thoradh dh’ fhàs an sluagh mòr an àireamh. Anns an eilean so gheibhear daoine làidir foghainteach, cneasda an gnè, cuimir am pearsa, agus fallain an inntinn. Gu dé a nis a tha cearr? Tha gaoir a’ tighinn o na daoine còir so; agus gu dé air am bheil iad a’ gearan? Tha mòran diubh gun fhearann. A nis tha so car iongantach, ’nuair a tha e cho soilleir do mhòran gu ’m bheil cearnan farsuinn de ’n Ghàidhealtachd anns nach fhaic thu duine o oisein gu oisein. Tha mòran de na Leòghaisich bhochda gun fhearann agus gun airgiod; agus ’nuair a dh’ éisdeas an t-Ard-riaghladh r’ an glaodh a réir coslais cha ’n fhaighear mar thoradh ach iomradh is facail anns nach ’eil brìgh, comhfhurtachd no gealladh. Tha airgiod na rìgheachd a’ dol a mach air iomadh dòigh, ach cha ’n ’eil mòran deth a’ dol rathad an duine bhochd. Tha cuid de na Leòghaisich a’ faotainn airgiod rìgheachd co-cheangailte ri saighdeireachd; ach bhiodh e na b’ fhearr dhaibh a bhi ’ga fhaotainn co-cheangailte ris an fhearann a chuideachadh am beòshlaint.—Oban Times. Naidheachdan. GORT ANN AM MARTINIQUE—Tha ’n sluagh a dh’ fhàg spraidheadh Mont Pelee beò air Martinique, a nis a’ fulang le gorta. Cha ’n eil ni aca air an urrainn dhaibh a bhi beò idir. Tha riaghladh na Frainge, an dùthaich d’ am buin an t-eilein, a’ cur mu dheidhinn da mhuillion dolair a chur air leth air-son cuideachadh leotha, ach thatar ag radh nach foghainn sin. Nuair theid an naidheachd a sgaoileadh, cha’n eil teagamh nach tionailear airgiod gu leòr air an son, ach faodaidh e bhith gu ’n teid moran dhiu bàs mu ’n ruig a’ cheud chuideachadh iad. AN TRIOBLAIDEAN FEIN—Tha trioblaidean fein aig tuathanaich Mhanitoba ’s an Iar Thuath. Bha am bàrr anabarrach trom air an fhoghar s’a chaidh, ach ged fhuaireadh a chur fo dhion ’s a bhualadh gun dochann sam bith eirigh dha, tha fairtleachadh orra chur gu margadh. Cha’n eil an rathad-iaruinn (an C. P. R.) idir comasach air an siol a ghiùlan air falbh, agus tha na muillionan buiseal a feitheamh taobh an rathaid gus an tig càraichean. Tha moran dhe ’n t-siol sin gun bhi fo dhion, agus faodaidh e dhol a dholaidh mu’n toirear air falbh e. Cha dean an aon rathad-iaruinn an gnothuch do ’n Iar-Thuath. Tha cuideachd no dha a’ cur mu dheidhinn rathaidean ùra fhosgladh a bhios a’ ruith bho ’n Chuan Chiùin gus an Cuan Atlantach. Nuair bhios tri rathaidean a ruith troimh ’n dùthaich, bidh cothrom ni’s fhearr aig na tuathanaich air an cuid gràin a chur gu margadh an ealamhachd na h-uile deireadh foghair, agus bidh sin na ’bhuanachd mhor dhaibh. CORP AIR FHAOTAINN—Maduinn Di-luain s’a chaidh fhuaireadh anns a choille faisg air Glace Bay corp Thormaid Mhic Leoid, a dh’ fhàg a dhachaidh air an 26mh la de Nobhember. Bhatar an dùil gu’n deachaidh a bhàthadh, agus bhatar ga ’shireadh ùine mhor, ach gu ruige ’n la ud cha d’ fhuaireadh sgeul air. Bha a chorp air fhaotainn le dithis ghillean a bha gabhail troimh ’n choille. Bha e na shuidhe ri taobh sruthainn. Tha e coltach gu ’m b’ e dhol air chall a rinn e ’s gu ’n d’ fhuair e bàs leis an fhuachd. BATHADH MULADACH—Thachair sgiorradh muladach ann am Benacadie seachduin gus an dé. Bha bean Steaphain R. Mhic Neill agus a dithis mhac, gillean òga, aon fhearr ochd ’s am fear eile aona bliadhn deug a dh’ aois, air am bàthadh. Chaidh na gillean a chluich air loch a tha astar beag o ’n tigh, agus bhrist an deigh fòpa. Chunnaic am màthair iad ’s chaidh i dh’ fheuchainn ri ’n tearnadh, ach dìreach mu’n d’ rainig i iad bhrist an deigh fòipe fhein, agus bha ’n triùir air am bàthadh mu ’m b’ urrainn muinntir eile an ruigheachd. Fhuaireadh na cuirp beagan an deigh an sgiorraidh, agus greim teann aig a mhàthair air a dithis mhac. Chaidh an tiodhlacadh Di-sathuirne anns an aon uaigh an cladh Eilein Christmas. Bha sluagh mor air an tòrradh, an tòrradh bu mhuladaiche chunnacas riamh anns en sgìreachd. AN TRIOBLAID AM MOROCCO—Tha an trioblaid a bh’ ann am Morocco a nis beul ri bhith thairis. Tha an dùthaich so air a h-àiteachadh le Mahomedanaich, aig am bheil Sultan os an ceann mar a th’ aig na Turcaich. O chionn beagan ùine air ais, chaidh Ministeir òg Sasunnach, Mr. Cooper, a mhort aig àite ris an canar Fez, agus bha chùis coltach nach sguireadh an trioblaid le sin, oir mur deante am murtair a pheanasachadh, dh’ fheumadh Breatunn a dhol a thoirt a mach tòrachd. Ach air òrdugh an t-Sultain, chaidh am murtair a ghlacadh ’s an deigh a mheàrsadh troimh ’n bhaile, chuireadh gu bas e. Chuir an Sultan mar an ceudna litir gu bantrach Chooper ag aithris a dhuilichinn, agus an cois na litreach bha gibht mile punnd Sasunnach. Tha Mrs Cooper ’s a dithis phàisdean a’ tilleadh do Shasuinn, agus bidh iad air an deagh gheard gus am fàg iad criochan Mhorocco. TIR NAN IOMADH SLUAGH—Cha ’n eil dùthaich ’san Roinn-Eòrpa nach eil àireamh bheag de a sluagh an taobh a stigh de chriochan Mhanitoba ’s an Iar Thuath. Tha Canada ri gabhail air a fad ’s air a leud gu bhi na tir iomadh-shluaghach. Sasunnaich, Goill is Gàidheil Albannach, Eirionnaich, Frangaich, Gearmailtich, Dùitsich, Ruiseanaich, Suainich, Galicianich, Doukhoborich, Spàintich, Greugaich is Eadailtich: tha iad so uile ri ’m faotainn innte. Agus an ceann ceud no dha bliadhna, an deigh dhaibh so uile measgachadh le bhi pòsadh ’s a’ gabhail am pòsadh o chàch a chéile, bidh cothlamadh sluaigh anns an dùthaich so nach fhacas a leithid air an t-saoghal riamh roimhe. Ach cha’n eil sin ag radh nach bi an cothlamadh a bhios ann fior mhath, agus nach bi iadsan d’ an goirear Canadaich ’san dara linn fichead na ’n sluagh cho treun, cho beusach, ’s cho cliùiteach ’s a bhios air uachdar an t-saoghail. BLAR CHAIRINNIS. ANNS a’ bhliadhna 1601 thug Clann Domhnuill Uibhist, agus Clann ’ic Leoid na h-Earadh, là fuilteach aig feithe na fala ann an Càirinnis, an Uibhist mu Thuath. Anns an àm, mar a tha eachdraidh ag innseadh dhuinn, cha robh na fineachan Gàidhealach a’ toirt mor urram do lagh na rìoghachd ach ’s ann a bha na h-uile ceann-feadhna a’ gabhail an lagha ’na laimh fhein agus a’ dol a mach air cheann a dhaoine gu aicheamhal a thoirt dheth ’naimhdibh. Tha e coltach gur e spùilleadh ’us togail creiche an doigh chumanta ’bh’ aca air a bhi deanamh dioghaltais air cach a chéile. A h-uile fear nach b’ urrainn e fhein a dhion cha robh aig’ ach a bhi cho umhail ’s a bhiodh an luch fo spògan a’ chait; oir, mar tha ’n Seanfhacal ag ràdh,—“Bhiodh am fear bu treise ’n uachdar ’s am fear bu luaith’ air an toiseach,” “Bhiodh a’ chuid bu mhiosa aig a’ bhus bu taise.” Air son aobhair gle neonach dh’ éireadh fine an aghaidh fine. Agus is tric a bha na càirdean air an dà thaobh a’ cogadh gu cruaidh an aghaidh a cheile. ’S ann eadar Domhnullaich Shléibhte agus Leodaich Dhun-bheagain a thòisich an aimhreit a bha na mathair-aobhair air Blàr Chàirinis. Tha e air aithris gur ann mar so a thòisich an aimhreit:—Phòs Domhnull Gorm Shléibhte nighean ’Ic Leoid Dhunbheagain agus ciod air bith a bh’ aige na h-aghaidh tha e coltach nach robh e fhein ’s i fhein gle réidh, agus ’s e thainig as a’ chùis gu ’n d’ thug e litir-dhealachaidh dhi ’s gu ’n chart e dhachaidh a thigh a h-athair i. Thug so tàmailt mhòr do Shir Ruairidh Mac Leoid agus dh’ a chàirdibh gu léir, ach ’s e dhoranaich buileach iad an dòigh anns an deach’ a cur dhachaidh. Bha i fhein air leth shùil, no, càm mar a theirear, agus gus a’ chùis a dheanamh cho tàmailteach ’s a ghabhadh deanamh fhuair Domhnull Gorm seann each bàn, cam, gille cam, agus cù cam, ’s chuir e ’n gille ’s an cù ’san t-each a dh-aon sgrìob a Dhunbheagain leatha. Bha ’Bhaintighearna chàm air muin an eich chàim, gille cam a’ falbh na ’cheann, ’s cù càm a’ falbh na’n déigh! An uair a ràinig a’ chuideachd neonach so Dunbheagain ’s a chaidh am beag sgeul thun a’ mhoir sgeil cha robh Leodach ri tràigh ’s an Eilean Sgiathanach no ’s na h-Earadh nach robh ann an rùn nan tuadh do Dhomhnull Gorm ’s d’ a chàirdibh ’s gach àite. Tha aobhar a bhi ’creidsinn gu ’n do dhìoghail iomadh neach fad iomadh bliadhna air a’ ghnìomh mhaslach a bha ’n so ged nach ’eil cunntas againn mu dhéidhinn. B’ e Domhnull Glas Mac Leoid ceann-feadhna nan Leodach ’s na h-Earadh. Bha e aon uair na ’dhuine ro threun, ach aig an àm so bha e air fas tròm, agus cha b’ urrainn da dol a mach air cheann a chuid gaisgeach treun’ a thogail creiche no ’thoirt blàir. Ach bha mhac ’na dhuin’ òg, tapaidh, gaisgeil, ann an treun a neirt agus déidheil air glòir ’us urram fhaotainn dha fhéin ’s dha chinneadh. Chuala e mu ’n tàmailt a thugadh d’ a chàirdibh an Dunbheagain ’s cha ’n fhac e dad a b’ iomchuidhe na falbh a dh’Uibhist-mu-thuath air cheann da fhichead fear treun a thogail creiche chum aicheamhal a thoirt, air aon doigh no dòigh eile, dheth na Domhnullaich. “Mur pàidh thu fhein e pàidhidh do mhàileid e.” Thog na fir orra ’s dh’ fhalbh iad, cuid ’s a’ bhìrlinn aig mac Dhomhnuill Ghlais ’s cuid eile ann am bàtaichean aisig. ’N uair a ràinig iad Uibhist dh’ acraich iad na bàtaichean an Loch nan Ceall, aig bun na faoghlach a tuath. Ghabh iad air aghaidh ’s thog iad a’ chreach, gu furasda ’n Càirinnis, agus o nach robh uine gu leor aca gu dol thun nam bàtaichean leis a’ chrodh ’s e rud a rinn iad chruinnich iad iad do theampull na Trionaid gus am biodh iad a’ falbh an la’r-na-mhàireach. Ghabh iad fhéin seilbh air tigh-a-chnuic o’n bha e ’n aite àrd, fradharcach, am braighe bhaile. Bha iad a’ cur seachad na h-ùine leis gach feala-dhà ’s toileachas inntinn a b’ urrainn daibh, a’ lan chreidsinn gu soirbhicheadh gach cùis leo mar bu mhiann leo. Ach cha robh e ’n dàn gu faigheadh iad am miann ’s a’ chùis so, oir mu ’n deach’ a’ ghrian fodha air an ath là bha “caochladh cuir air clò Challuim.” Bha duine treun ann an Uibhist-mu-dheas ris an cainte gu cumanta Domhnull mac Iain ’ic Sheumais. Bha ’n duine so ainmeil r’a linn airson a mhòr ghràidh a dh-fhìrinn, a dh-onair, ’s a cheartas. Ma ’s fhìor an sgeul, tha e air aithris gu robh e ’n còmhnuidh a stri ri bhi ’cur as do ’n chreachadh, do ’n spùilleadh ’s do ’n lamhachas-làidir a bha ’na chleachdadh cho cumanta ’s an àm. Nuair a thàinig na Leodaich air tìr an Uibhist mu thuath thuig muinntir an àite gu [TD 99] [Vol. 11. No. 13. p. 3] maith ’d e bha fa-near dhaibh, ’us ’s e bh’ ann chuir iad fios cabhagach gu mac Iain ’ic Sheumais mar a bha chùis air thuar a bhi. Bha esan mar a bha e riamh cho ealamh ris an fhacal, ’s air falbh a bha e le dà fhear dheug de na ceatharnaich bu chalma ’s bu cholgarra a bha r’ am faotainn an Uibhist mu dheas. Air tràigh oidhche chaidh iad thar faoghail nan làrnan ’s thar faoghail ’ic-an-Aoidheir, ’s beagan roimh bheul an latha ràinig iad Càirinnis. An uair a ghabh iad beachd air cur a’ bhaile ’s a thuig iad gu robh na creachadairean fhathast gun fhalbh dh’ fhalaich iad iad fhéin ann am feithe ’m braighe bhaile. ’N uair a thòisich an là air soileireachadh mhothaich iad gu robh barrachd cuideachd aig tigh-a’-chnuic ’s bu chòir a bhi ann ’s thuig iad cò bh’ aca. Thilg mac Iain ’ic Sheumais saighead ’s leon e fear dhiubh. Leis an ath shaigheid leag a fear eile. Ghabh iad an t-eagal ’s thubhairt fear dhiubh, “Tha mi gu mòr air mo mhealladh mur ann o laimh Dhomhnuill ’ic Iain ’ic Sheumais a thàinig na saighdean, ’s ma’s ann tha eagal mòr orm gu ’m bi là dubh againn dheth.” Cha robh iad fhathast cinnteach cò ’n àird as an robh na saighdean a’ tighinn, ach ’s e rud a rinn iad thionndaidh iad an aghaidhnean gu ceithir àrdaibh an athair, ’s ’n uair a thàinig an treas saighead thuig iad gur ann o ’n àird an ear-thuath a bha na saighdean a’ tighinn. Cho luath ’s a bh’ aca bhrùchd iad sios an cnoc. An uair a chunnaic mac Iain ’ic Sheumais iad a’ cromadh le bearradh a’ chnuic thuirt e, “Nis ’illean, ma rinn sibh riamh e deanamh an diugh e, oir tha mi ’m barail gu bheil triuir aig gach fear agaibh ri chur gu làr.” “Ma tha,” ars’ iadsan, “cha’n fhad a bhitheas.” Bha e fhéin ’s a ghillean cho ealanta air a’ bhogha ’s gu’n d’ thug iad tanachadh maith air na Leodaich mu’n do tharr iad, ach gann, cromadh le bearradh a’ chnuic. An uair a dhlùthaich iad r’a chéile ’s ann an sin a bha ’n “cath, teth, teann.”— “Thachair r’a chéile na suinn, Mar bhruaillein thonn air druim a’ chuain, Bha beuman beuchach dlù ri chéile; Am bas a’ leum thar tréin ’s an t-sliabh, Mar neul de chlachaibh-meallain garbh, ’S gaoth mhòr na ’cirb ag éirigh.” Dhe’n da fhichead fear cha do tharr as ach an dithis. Thuit càch ga leìr ach an ceannard—Mac Dhomhnuill Ghlais—’s a’ chath. Theich esan le bheatha. Thug Mac Iain ’ic Sheumais teann-ordugh gun a mharbhadh air chor sam bith, ach, na’m bu chomasach e, a ghlacadh beo. Chaidh e faisg air dà mhìle mu’n d’ thàinig fear de shaighdearan mhic Iain ’ic Sheumais suas ris air traigh faisg air a’ Bhaile-shear. Ged a bha ’n dithis aca air an trom-lot roimhe sin thug iad deannal air iomairt-chlaidheamh. Cha gheilleadh Mac Dhomhnuill Ghlais ’s e beo, ach bha e gabhail iomain-chùil gus mu dheireadh an deachaidh e mach air a’ mhuir thun na duilleig. Ged a bha toil aig an fhear eile a ghlacadh beo a reir orduigh a mhaighstir, ’n uair a thòisich an sàile ri dol ’s na lotaibh dh’ fhàs e goirid ’s an fhoighidinn ’s le aon sàthadh de ’n chlaidheamh chuir e crioch air ’s a’ bhad an robh e, ’s dh’ fhàg e marbh air an oitir e. Theirear Oitir ’ic Dhomhnuill Ghlais ris an oitir gus an la ’n diugh. Thiodhlaiceadh coluinnean nan Leodach far an do thuit iad—air Leathad-a’-bhuailte, mar a theirear ris an àite riamh o’n thugadh am blàr ann. Chuireadh an cinn ann an uinneagaibh an teampuill far am bheil cuid diubh, ’s docha, fhathast ri ’m faicinn. Cha’n ’eil cunntas againn co lion a thuit de na Domhnullaich ’s a’ bhlàr fhuileachdach so, ach, air a shon sin, faodaidh sinn a bhi cinnteach gu ’n do thuit an àireamh bu mhò dhiubh. Fhuair Domhnull Mac Iain ’ic Sheumais, e fhéin, iomadh lot ged a chaidh an là leis. Ach thàinig e gu maith dheth na dhéigh sin. Tha e air aithris, ged nach ruig sinn a leas a chreidsinn, gu robh ’n fheithe ’ruith le fuil, agus uime sin, theirear feithe-na-fala rithe gus an là ’n diugh. Theagamh gu ’n saoil cuid gu robh e eu-comasach do dha fhear dheug cur as do dhlùth air dà fhichead fear, ach mar a bha ’n Seanfhacal ag ràdh, “Is fearr duine na daoine.” A bharrachd air a sin ’n uair a bha na Domhnullaich ’g am falach fhein ’s an fhéithe ’s càch a’ cromadh leis a’ bhruthach bha ’n cothram ac’ orra, ’s mu ’n do tharr iad sealltuinn h-uca no uatha bha àireamh mhaith dhiu air an leonadh. Mar so chaill cuid mhòr dhiu ’m misneach gu buileach. A thaobh nan Domhnullach tha e air aithris gu robh iad anabarrach ealanta air a’ bhogha, agus, mar an ceudna, gu robh am boghachan cho làidir ’s nach b’ urrainn neach sam bith an lùbadh ach iad fhéin. Tha e furasda thuigsinn gu ’n tilgeadh iad saighdean astar gle fhada. Leis na nithibh so a bhi gu léir na’m fàbhar a bharrachd air iad a bhi nan daoine ro thréun tha e soilleir nach bu ni doirbh dhaibh an la chur. ’N uair a chuala Domhnull Gorm mu bhlàr Chàirinnis ’s mu ghaisge a charaid bha e ro thoilichte, ’s mar chomharradh air a thaingealachd airson a threubhantais thug e dha Gabhaltas na Cuidrich ’san Eilean Sgiathanach. Gu cinnteach bha e na ’làn airidh air agus corr. B’ ann d’a sliochd Caiptean Ailein Domhnullach, Chinnseborg, a bha pòsda ri Fionnghail Dhomhnullaich a bha ’n cuideachd Phrionns Tearlach ’n uair a bha e fo ’n choille ’s a’ Ghàidhealtachd. An déigh blàr Chàirinnis rinn a mhuime, Nic Còiseam, òran do Dhomhnull mac Iain ’ic Sheumais anns an do leig i ris gu soilleir gu ’m bu ghaisgeach treun e a thug, uair is uair, buaidh air a naimhdibh. Tha ’n t-òran so nuair a tha e air a sheinn gu ceart anabarrach tlachdmhor ri bhi ’ga éisdeachd. Ged a tha corr is trì cheud bliadhna o rinneadh e tha h-uile facal dheth, tha e coltach, air chuimhne fhathast. So, mata, cunntas mu bhlàr Chàirinnis mar a tha ’n sgeul air aithris gu coitchionn an Uidhist. IAIN. A’ GHAIDHLIG: A H-EACHDRAIDH AGUS A LITREACHAS. Oraid a labhair an t-Olla Urramach Alasdair Camaran, fa chomhair a’ Chlass Ghàidhlig an Oil-thigh Ghlascho, mu ’n bhliadhna 1868—fichead bliadhna mu ’n do chaochail e. Bha an t-Olla Camaran na ’sgoileir Gàidhlig cho àrd ’s a bha ’n Alba ri ’linn, agus tha ’n òraid so airidh air deagh aire uapasan aig am bheil toil an eolas air a chainnt sin a mheudachadh. THA mi a’ rùnachadh aig an àm so labhairt ruibh mu ’n Ghàidhlig—ar cainnt dhùthchasaich, agus mu chuid do na leabhraichibh a sgrìobhadh innte. Faodaidh sinn a bhi ag eadar-dhealachadh ann am beachd do thaobh aois na Gàidhlig, ach tha sinn uile de ’n aon bheachd do thaobh cliù agus buadhan na cainnte sin a dh’ fhoghlaim iomadh againn aig glùn ar màthar, agus a labhair sinn mu ’m b’ aithne dhuinn a bheag mu chainnt air bith eile. Dhuinne, air an aobhar sin, cha ’n ’eil cainnt ann a ta cho blasda no cho buadhach ris an t-sean Ghàidhlig, ged nach urrainn duinn a ràdh mu déighinn, mar thubhairt am bàrd— “’S i ’labhair Adhamh, ann am Pàrras féin, ’S bu shiùbhlach Gàidhlig o bheul àlainn Eubh.” Ach cha ruigear leas cron fhaotainn do ’n Ghàidheal air son a bhi a’ meas nach ’eil cainnt air bith cosmhuil ris a’ chainnt a’s faisge a thig air a chridhe féin, agus le ’n dùisgear smuaintean ann nach dùisgear le aon chainnt eile. Tha e nàdarra, uime sin, dhasan a bhi do ’n bheachd “Gur h-i a’s crìoch àraid Do gach cainnt fo ’n ghréin, Gu ’r smuaintidh fhàsmhor A phàirteachadh ri ’chéil’; Ar n-inntinnean a rùsgadh Agus rùn ar crìdh’, (Le ’r gnìomh ’s le ’r giùlan) Sùrd chur air ar dì; ’S gu laoidh ar beòil Dh’ ìobradh do Dhia nan dùl, ’S i ’h-àrd chrìoch mhòr Gu bhi toirt Dhàsan cliù.” Ged bhitheas e draghail a dheanamh a mach gu ’n “Robh a’ Ghàidhlig ullamh, ’N a glòir fìor-ghuineach cruaidh Air feadh na cruinne Mu ’n d’ thuilich an Tuil-ruadh,” aontaichidh sinne, mar Ghàidheil, ri beachd a bhàird cheudna, an uair a thubhairt e:— “Ge h-iomadh cànain O linn Bhàbeil fhuair Sliochd sin Adhaimh, ’S i a’ Ghàidhlig a thug buaidh Do ’n labhradh dhàicheil An urram àrd gun tuairms’, Gun mheang, gun fhàillinn, Is urrainn càch a luaidh,” agus cha mheas sinn gu ’n robh e fada clì an uair a thubhairt e, “’S i an aon chànain Am beul nam bàrd ’s nan éisg, ’S i a’s fearr gu càineadh O linn Bhàbeil féin, ’S i a’s fearr gu moladh, ’S is torrunnaiche gleus Gu rann no laoidh A tharruing gaoth troimh bheul; ’S i a’s fearr gu comhairl’ ’S gu gnothuch a chur gu feum Na aon teang’ Eòrpach A dh’ aindheoin bòsd nan Greug; ’S i a’s fearr gu rosg ’S air chosaibh a chur duain, ’S ri cruaidh uchd cosgair A bhrosnachadh an t-sluaigh.” Ni mò a mheasas sinn gu ’n dubhairt Donnachadh Bàn tuilleadh ’s a’ chòir mu ’n Ghàidhlig ’n uair a labhair e na briathran snasmhor a leanas: “’S i a’s fearr gu togail inntinn Le binn-ghuth còmhraidh thlàth, ’S i a’s sgaitiche gu mi-mholadh ’S a’s mìne ’nochdas gràdh; ’N àm cruinneachadh nam mìltean Le pìob gu iomairt lann, ’S i a dhùisgeadh colg air òigridh, ’N uair ’thogtadh sròl ri crann.” Tha mi an dùil nach ’eil Gàidheal ’san tigh so an nochd nach aidich, an uair a bheachdaicheas e air cliù agus air buadhaibh na Gàidhlig, “Gu ’m bu mhòr am beud gu ’m bàsaicheadh A’ chànain a’s fearr buaidh;” agus gur h-e dleasdanas nan Gàidheal do ’n d’ fhàg an aithrichean i mar oighreachd gach oidhirp a thabhairt a chum a cumail suas. Tha cuid, gun teagamh, leis an nàir a bhi ag aideachadh gur urrainn daibh a’ Ghàidhlig a labhairt, ged nach urrainn daibh làn am beòil de ’n Bheurla a labhairt gu cuimir, ach tha mi an dùil nach ’eil an àireamh ach tearc. Is mi-chiatach an ni bhi a’ cluinntinn duine, ann an droch Bheurla, a deanamh uaille as gu ’m bheil e air a’ Ghàidhlig a dhì-chuimhneachadh. Is e an ceud ni mu ’m bheil mi gu labhairt ruibh aig an àm so Dàimh na Gàidhlig ri cainntibh aig am bheil càirdeas rithe, ni o ’m faod sinn ’fhaicinn ciod e a h-àite am measg chainntean eile an domahin. [TD 100] [Vol. 11. No. 13. p. 4] O na thubhairt mi cheana, tha sibh air ’fhaicinn nach ’eil mi de ’n bheachd gu ’m bi a’ Ghàilig “An labhairt ’bha ’s a’ ghàradh ’Dh’ fhàg Adhamh aig an t-sluagh;” ach ged nach gabh i lorgachadh air ais cho fada ’s bu mhath le cuid a bhi ’ga lorgachadh, cha ’n ’eil teagamh air bith nach ’eil i glé aosda. Tha iomadh de luchd fòghluim, a ta mion-rannsachadh na cùise so, a’ cumail a mach gu ’m bheil i, co dhiubh, cho sean ris a chànain Eabhraidhich, anns an deachaidh a chuid a’s mò de ’n t-Seann Tiomnadh a sgrìobhadh, ach nach ’eil ni ’s faide air a labhairt. Tha e air a dheanamh a mach, mar an ceudna, gu soilleir, gu ’m bheil dàimh fhaisg aig a’ Ghàidhlig ri cainntibh eile, dhe ’m bheil cuid fathast beò, agus air an labhairt le àireamh mhor do shluagh an t-saoghail. Tha cainntean a’ chinne-dhaoine air an roinn ’n an teaghlaichibh, a réir agus mar tha na freumh-fhocail o ’m bheil iad a’ teachd a mach a’ comh-chòrdadh r’a chéile. ’Nuair a ghabhas sinn cainnt mar a ta a’ Ghàidhlig, a’ Bheurla, no an Laidinn, chi sinn gu ’m bheil na focail air an deanamh suas de dhà chuibhrinn—na freumh fhocail agus na litrichean a ta air an cur ris na freumh fhocail a chum bhi a’ nochdadh mach dàimhean sònruichte agus eadar-dhealaichte anns am feudar beachdachadh air an smuain a ta am freumh-fhocal a’ comharrachadh. Ma sheallas sinn ris an fhocal gabhaidh, airson eiseimpleir, chi sinn gu ’m bheil e air a dheanamh suas de dha earrann—gabh agus idh—gabhaidh. ’S e gabh an fhreumh, agus tha idh a’ cumail a mach an tìm a ta ri teachd mar eadar-dhealaichte araon o ’n tìm a bha ann, agus o ’n tìm a ta nis ann. Ach o ’n fhreimh cheudna tha focail eile a fàs a ta eadar-dhealaichte o chéile ann am brìgh, ach aig am bheil dlù-chàirdeas r’a chéile, mar a ta ghabh, gabhadh, gabhail, ghabhainn. A nis an uair a lomas sinn na focail sin de na litrichean a ta toirt brìgh fa leth do gach aon diubh tha sinn a’ faotainn na frèimhe o ’m bheil iad uile a’ fàs, eadhon gabh; agus ma theid sinn gu seann sgrìobhaidhibh gheibh sinn a mach gu ’m bheil gabh féin a’ teachd o fhrèimh ni ’s sine—eadhon, gab. ’N uair a rùisgeas sinn, air an dòigh cheudna, focail eile na cainnte nach ’eil iad féin ’n am freumh-fhocail, ruigidh sinn na ceud fhocail air am bheil a’ chainnt a ta sinn a’ labhairt air a stéidheachadh. Agus an uair a bhuinear air an t-seòl cheudna ri cainntibh eile, agus a nithear am freumh-fhocail a choimhmeas r’a chéile, chithear ciod iad na cainntean aig am bheil am freumhan a comh-chòrdadh ri ’chéile. Agus mar sin tha cainntean air an roinn ’nan teaghlaichibh a réir agus mar a ta am freumham a’ nochdadh gu ’n d’ thàinig iad a mach o ’n aon bhonn. Air an dòigh so tha ’n Eabhra, a’ chainnt Shirianach, agus a’ chainnt Chaldéach do ’n aon teaghlach, ris an abrar anns a’ Bheurla Semetic, do bhrìgh gu ’n robh iad air an labhairt le sliochd Sheim; tha ’n Sanskrit, a’ Ghreigis, an Laidinn, agus cainntean eile a tha càirdeach dhaibh, do theaghlach ris an abrar an t-Indo-European, do bhrìgh gu ’n robh iad air an labhairt araon ann an Innsean na h-àirde-an-ear, agus anns an Roinn-Eorpa; agus tha cainntean eile air an roinn, air an dòigh cheudna, ’nan teaghlaichibh eile mu ’n nach ruig mi leas labhairt aig an àm. A nis ciod an teaghlach do ’m buin a’ Ghàidhlig? Bha daoine fòghluimte a’ meas, ré ùine fhada, gu ’m buineadh a’ Ghàidhlig do ’n aon teaghlach ris an Eabhra. Agus gun teagamh air bith tha ’n da chainnt a’ comh-chòrdadh ri ’chéile ann an tuilleadh agus aon ni. Tha àireamh lìonmhor de’m freumh-fhocail glé chosmhuil r’a chéile, mar thug ar ceann-suidhe urramach fainear anns an òraid ris an d’ éisd sinn o cheann ghoirid le ’leithid de thoil-inntinn. Tha nithe eile, mar an ceudna, anns am bheil comh-chòrdadh iongantach eadar an da chainnt. Ach ged tha sin mar sin, tha e nis air a dheanamh a mach cho soilleir agus a ghabhas ni air bith deanamh a mach nach ann de ’n teaghlach do ’m buin an Eabhra a bhuineas a’ Ghàidhlig, ach do ’n teaghlach eile a dh’ ainmich mi—an t-Indo-Europeanach. Do ’n teaghlach so buinidh na cainntean a leanas:—Sanskrit, Zend no seann chainnt Phersia, Gréigis, Laidinn, na cainntean Ceilteach, na cainntean Gearmailteach (Beurla, &c.), Lituanach, agus Slabhonach (Ruisianach, &c.) Tha daoine fòghluimte a ta ri mion-rannsachadh air comh-chòrdadh nan cainntean Indo-Europeanach r’a chéile, ag eadar-dhealachadh ann am beachd do thaobh an àite a bhuineas do ’n Ghàidhlig anns an teaghlach. Tha cuid a’ smuaineachadh gu ’m bheil i na ’s càra do ’n Laidinn agus do ’n Ghréigis, ach gu sònruichte do ’n Laidinn, na do na cainntibh Gearmailteach, agus tha cuid eile a’ smuaineachadh gu ’m bheil i ni ’s càra do na cainntibh Gearmailteach na do ’n Laidinn agus do ’n Ghreigis. Cha ’n ’eil teagamh air bith do thaobh càirdeis na Gàidhlig do na cainntibh sin air fad, ach is e mo bheachd, cho fada ’s a tha mi air bhi comasach air a’ chùis so rannsachadh air mo shon féin, gu ’m bheil i ni ’s càra do ’n Laidinn agus do ’n Ghréigis na do chainnt air bith eile. Tuigidh sibh nach ’eil mi a’ labhairt aig an àm mu ’n Ghàidhlig Albannaich mar eadar-dhealaichte o mheuraibh eile na seann Ghàidhlig, ach gu ’m bheil mi a’ labhairt mu ’n Ghàidhlig gu coitchionn—mu ’n Ghàidhlig de nach ’eil a’ Ghàidhlig Albannach ach a mhàin ’n a meur. A chum bhi a’ nochdadh dlù-chàirdeis na Gàidhlig ris an Laidinn agus a’ Ghreigis, ach gu sònruichte an Laidinn, bheir mi air aghaidh cha ’n e a mhàin focail anns am bheil na cainntean so a’ comh-chòrdadh r’a chéile, ach mar an ceudna, cuid de na laghannaibh no seòlaidhibh a réir am bheil na litrichean air an atharrachadh eadar na cainntean sin—an ni ris an abrar anns a’ Bheurla, “The laws of letter-changes.” Nan ceadaicheadh ùine dh’ fhaodainn mòran a labhairt mu na riaghailtibh a réir am bheil focail air an atharrachadh eadar an Laidinn agus a’ Ghàidhlig, ach o na thubhairt mi chithear nach ’eil cainntean a’ fàs suas o’n freumhaibh gun rian, gun riaghailt, ach gu ’m bheil iad a’ fàs a réir riaghailtean sònraichte a dh’ fhaodar fhaotainn a mach, agus a ta comh-chòrdadh, mar dh’ fhaodar leigeil ris, nan robh cothrom air sin a dheanamh, ris an dòigh anns am bheil na litrichean gu nàdarra air am fuaimneachadh. Ach tha ’n dlù-chàirdeas a ta eadar an Laidinn agus a’ Ghàidhlig leis a’ chomh-chòrdadh shoilleir araon ann am fuaim agus ann an brìgh a ta eadar iomadh focal anns na cainntibh sin, mar a ta na focail a leanas: sin-o agus sin; cel-o agus ceil; linquo agus leig; tenuis agus tana, &c. Ach tha na focail a ta leigeil ris dlù-chàirdeis na Laidinn agus na Gàidhlig cho lionmhor, agus gu ’n sgìthichinn sibh ’g an aithris. Tha e soilleir, ma ta, gu ’m buin an Laidinn agus a’ Ghàidhlig do ’n aon teaghlach. Mur d’ thàinig aon diubh a mach o ’n aon eile cha ghabh e àicheadh nach d’ thàinig iad le ’chéile o ’n aon fhrèimh. Bu mhath leinn gun teagamh, mar Ghaidheil, gu ’m b’ urrainn duinn a dhearbhadh gur h-i an t-sean Ghàidhlig chòir màthair nan cainntean eile ris am bheil càirdeas aice, ach ged is mòr ar gràdh do ’r cainnt dhùthchasaich cha ’n fhaod sinn ni a ràdh mu déighinn nach seas ri aghaidh dearbhaidh; agus, air an aobhar sin, ged tha sgoilear cho fòghluimte ri Dr Newman, Fear-teagaisg Laidinn ann an aon de àrd-oil-thighibh Shasuinn, ag oidhirpeachadh bhi a’ feuchainn gu ’n d’ thàinig an Laidinn o ’n Ghàidhlig, ’s e a’s tearuinte dhuinn gu ’n dol ni ’s fhaide na ràdh gu ’m bheil na comharraidhean càirdeis a ta iad a’ giulan cho lionmhor agus cho soilleir, agus nach gabh e àicheadh gu ’m bheil an dà chainnt o ’n aon fhrèimh, agus air an aobhar sin gu ’m buin iad do ’n aon teaghlach. Is call, agus cha bhuannachd, do fhior fhòghlum a bhi a’ tarruing comh-dhùnaidhean o bhunaitibh nach seas ris an dearbhadh a’s géire a ghabhas cur orra, leis a’ mhuinntir a ta a’ mion-sgrùdadh na dàimhe a ta eadar na cainntean sin. Ach mar faod sinn a bhi a’ comh-dhùnadh gur leoir focail a bhi ni-éigin cosmhuil r’a chéile ann am fuaim gu bhi a’ dearbhadh gu ’m bheil iad o na h-aon fhreumhaibh, cha ’n fhaod sinn, air an laimh eile, a bhi a’ comh-dhùnadh nach faod focail a ta gu tur neo-chosmhuil r’a chéile ann am fuaim a bhi ann an dlù-chàirdeas d’a chéile. Ma ghabhas sinn na focail eveque agus bishop, cha ’n fhaigh sinn anns an aon fhocal aon litir a ta ’san fhocal eile, ach ged nach faigh, tha ’n da fhocal, mar tha Morair Neaves a’ feuchainn duinn a’ teachd o ’n fhocal Ghréigis episcopos. Cha ’n ’eil na focail eun, ite, pen, feather, cosmhuil r’a chéile aon chuid ’n an litreachadh no ’n am fuaimibh, gidheadh tha iad a’ teachd, mar tha Ebel a’ nochdadh, o ’n aon fhrèimh, ach o fhrèimh nach ’eil cosmhuil ri aon do na focail a dh’ ainmich mi. ’S i an fhreumh o ’m bheil iad uile teachd pet. Tha i againn slàn anns an fhocal Ghréigis petomai, itealaich. Tha pen a’ teachd o ’n fhocal Laidinn penna, a ta a ciallachadh ite no iteag, agus tha penna o fhocal Laidinn a ta ni ’s sine, petna. Tha feather a’ teachd o ’n fhocal feder, agus chithear gu soilleir an dàimh a ta eadar am focal sin agus an fhreumh pet. Chithear a rìs an dàimh a ta eadar eun agus am focal Breatannach edn, aig am bheil an aon bhrìgh, agus a rìs eadar edn agus ethn, agus eadar ethn agus pet, petna. Dh’ fhaodainn mar an ceudna, fheuchainn duibh gu ’m bheil na focail, gnìomh, gin, gineal, kin, kind, genus, gentile, agus focail eile, nach ’eil glé chosmhuil ri ’chéil ann am fuaim, a’ teachd gu léir a mach o ’n aon fhrèimh gen, a ta againn anns an fhocal Ghréigis egenomen. Chithear gu soilleir le còmhnadh na seann Ghàidhlig, a ta gu mòr eadar-dhealaichte o ’n Ghàidhlig a ta sinn a nis a’ labhairt, gu ’m bheil an dà fhocal gniomh agus gin o ’n aon fhrèimh. Ged thubhairt am bàrd:— “Cha ’n fheum i iasad ’S cha mò a dh’ iarras uath’; O an t-sean mhàthair chiatach, Làn de chiadaibh buaidh!” tha e fìor gu ’m bheil àireamh mòr de fhocalaibh iasaid anns a’ Ghàidhlig. Cha ’n ’eil mi a’ labhairt aig an àm mu na focail Bheurla leis am bheil a’ Ghàidhlig air a measgachadh agus air a truailleadh anns na cearnaibh a tha criochadh ris a’ Ghalldachd, ach mu na focalaibh a bhuineas do chainntibh eile a ta air faotainn àite anns a’ chainnt, air chor a’s gu ’m bheil iad a’ deanamh suas cuibhrinn de ’n chainnt a ta sinne a nise a’ labhairt. Tha mòran de na focalaibh iasaid so air an toirt o ’n Laidinn agus o ’n Ghréigis troimh an Laidinn. Bha iomadh dhiubh, mar ta eaglais, sagart, creud, air an toirt a stigh do ’n chainnt leis a’ Chreidimh Chriosdaidh. A nis is fheudar na focail sin, agus mòran eile, mar ta scriobh o scribo; leugh o lego; creud o ’n fhocal credo; aoradh (’san t-sean Ghàidhlig adrad) o adoratio; ceist o ’n fhocal questio; serbhis o servo; agus [TD 101] [Vol. 11. No. 13. p. 5] teisteas o ’n fhocal testis, a bhi air an cur a thaobh an uair a tathar a’ rannsachadh a mach dàimhe na Laidinn agus na Gàidhlig r’a chéile. Ach an deigh sin a dheanamh, bithidh focail ni ’s leoir air am fagail mu nach gabh teagamh a bhi nach fior fhocail Ghaidhealach iad, gu bhi a’ dearbhadh gu soilleir gu ’m buin an da chainnt so do ’n aon teaghlach. Agus eadhon do thaobh nam focal iasaid féin gheibhear freumhan iomadh dhiubh anns a’ Ghàidhlig an uair a ni sinn an lorgachadh suas troimh an Laidinn gu ’m fior fhreumhaibh. Tha ’m focal sgriobh, gun teagamh, a’ teachd o ’n fhocal Laidinn scribo. Tha ’m focal Laidinn gravis agus am focal Gàidhlig garbh dlù-chàirdeach d’ a chéile, ged nach freagair e a ràdh mu dhuine mu ’n can sinn: “He is a grave man,” gu ’m bheil e ’n a dhuine garbh. Agus tha so a’ toirt a rìs fo ’m chomhair gu ’m bheil am focal, garbh, ni ’s faisge air an t-seann Sanskrit, garu, na ’m focal gravis, agus gu ’m faod an ni ceudna bhi air ràdh mu iomadh focal eile a’ ta càirdeach r’a chéile anns an Laidinn agus anns a’ Ghàidhlig, ni a dh’ fheumar a thoirt fainear ann bhi a’ coimhmeas nan cainntean so ri ’chéile a chum bhi a’ deanamh a mach co aca a’s sine. Cha cheadaich ùine dhomh mòran a labhairt mu dhàimh na Gaidhlig ris a’ Ghréigis, no dòighibh anns am bheil na litrichean air an atharrachadh eadar an da chainnt, agus air an aobhar sin cha dean mi ach àireamh de fhocalaibh a chur fo ’r comhair a ta leigeil ris gu ’m bheil dlù-dhàimh eadar an da chainnt. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. XIII. CHAIDH Aladin gun dail air muin an eich, agus dh’ fhalbh e do luchairt an righ anns an ordugh a dh’ ainmicheadh mar tha. Agus ged nach robh e riamh roimhe air muin eich, shaoileadh duine sam bith gu ’n robh e eolach gu leor air marcachd. Bha moran sluaigh a’ cruinneachadh air na sraidean troimh ’n robh e ’marcachd, agus bha iad a’ deanamh iolach aoibhneis, gu h-araidh a h-uile uair a thilgeadh gach fear dhe na sia seirbhisich lan a dhuirn dhe na buinn oir air an t-sraid air gach taobh dhiubh. Cha b’ e mhain gu ’n robh na daoine bha ’togail an oir bhar na sraide a’ deanamh iolaich, ach bha daoine beairteach a’ bhaile ’deanamh iolaich mar an ceudna, a chionn gu ’n robh Aladin cho fialaidh ris an t-sluagh. Cha ’n aithnicheadh a h-aon dhe ’n fheadhainn a b’ abhaist a bhith cluich maille ris air an t-sraid e; agus is gann a dh’ aithnicheadh an fheadhainn a chunnaic beagan uine roimhe sid e. Bha leithid de bhuaidh aig a’ chruisgean air gach neach aig an robh e ’s gu’ n robh iad a’ fas ann am buadhan inntinn a reir mar a bha iad a’ fas ann an saoibhreas agus ann an urram, an uair a bha iad a’ deanamh feum ceart dheth. Bha aire an t-sluaigh air a tarruinn gu Aladin moran na bu mho na thun na h-aireamh sheirbhiseach a bha ’na cuideachd ged a bha iad uile ann an eideadh anabarrach riomhach; oir chunnaic iad an latha roimhe sid na seirbhisich a chaidh leis an tiodhlac thun an righ. Bha ’n t-each air an robh Aladin a’ marcachd a’ cur ioghnaidh air na daoine a b’ eolaiche air eich a bh’ anns a bhaile; agus cha b’ urrainn daibh a smaointean c’aite an d’ fhuaradh e. Cha b’ e an acfhuinn riomhach a bh’ air an each bu lugha ’bha ’cur a dh’ ioghnadh orra. Agus an uair a chaidh an sgeul am mach gu’n robh an righ gus a nighean a thoirt dha ri ’posadh, cha d’ thug neach sam bith fa near gur ann o dhaoine bochda thainig e, agus cha mho a bha farmad aca ris, oir bha meas mor ac’ air. An uair a rainig e an luchairt, bha h-uile ulluchadh air a dheanamh air a choinneamh. Agus an uair a thainig e dh’ ionnsuidh an dara geata, bha e air son tighinn air lar mar bu chleachdach le ard-mhaithean na rioghachd a dheanamh. Ach cha leigeadh an t-ard-oifigeach a chuir an righ a fhrithealadh dha leis tighinn air lar gus an ruigeadh e talla na comhairle, far an do chuidich e e gu tighinn air lar, ged nach robh Aladin toileach leigeadh leis so a dheanamh. Aig dorus an talla chuir na h-oifigich iad fhein ann an ordugh ’nan da shreith. Agus an uair a chuir an t-ard-oifigeach Aladin air a laimh dheis, choisich iad a steach do ’n talla eadar an da shreith oifigeach, gus an d’ rainig iad bonn na righ-chathrach. Cho luath ’s a chunnaic an righ Aladin, ghabh e ioghnadh gu leor; oir cha b’ ann a mhain a chionn gu ’n robh e ann an eideadh na bu riomhaiche na bha e fhein riamh ’na bheatha, ach a chionn gu ’n robh e mar an ceudna ’na dhuine dreachar, agus gu ’n robh coltas grinneis is uailse air a bha gle dhealaichte o ’n choltas a bh’ air a mhathair. Bha Aladin, mar a bha dligheach dha ’dheanamh, air son e fhein a shleuchdadh do ’n righ aig bonn na righ-chathrach. Ach mu ’n d’ fhuair e uine air so a dheanamh, thainig an righ a nuas le cabhaig bhar na cathrach, agus rug e air Aladin ’na ghairdeanan le toil agus le cridhealas mor. ’Na dheigh so bha Aladin toileach a rithist e fhein a shleuchdadh aig casan an righ; ach cha leigeadh an righ leis, agus thug e air suidhe eadar e fhein agus an t-ard-chomhairleach. An sin labhair Aladin ris an righ, agus thubhairt e: “Mo thighearna, tha mi ’gabhail na h-urram a tha bhur morachd le deadh run toileach a bhuileachadh orm; ach thugaibh dhomh cead a radh ribh, nach do dhichuimhnich mi gur mi bhur seirbhiseach; gu ’m bheil fhios agam gu ’m bheil cumhachd mor agaibh, agus gu ’m bheil lan fhios agam nach ’eil duine cho iosal inbhe riumsa airidh ann an doigh sam bith air an t-suidheachadh ard agus urramach anns am bheil mi air mo chur. Ma tha mi ann an doigh sam bith airidh air gu ’n gabhadh sibh rium cho fabharach, tha mi ’g aideachadh gur ann a chionn gu ’n do thachair dhomh a bhith cho dana ’s cho misneachail ’s gu ’n do chuir mi romham gu ’n iarrainn bhur nighean ri ’posadh. Tha mi ’g iarraidh mathanais air bhur morachd a chionn mi bhith cho ann-dana; ach cha ’n urrainn mi ’chleith oirbh gu ’m faighinn am bas leis a’ bhristeadh cridhe mur faighinn i ri ’posadh.” “A mhic,” ars’ an righ, agus e ’breith air Aladin an dara uair ’na ghairdeanan, “Cha bhiodh e ceart dhut gun earbsa ’chur ’nam fhacal-sa: tha do bheatha ro luachmhor ’nam shealladh-sa, agus mar sin bheir mi dhut gach ni a chumas suas agus a neartaicheas do bheatha. Is fhearr leam a bhith ’g ad fhaicinn ’s g’ ad chluinntinn na na tha de dh’ ionmhas agam fhin ’s agad fhein.” An deigh do ’n righ so a radh, thug e ordugh do ’n luchd-ciuil toiseachadh ri seinn, agus ann an tiotadh bha fuaim a’ chiuil ri chluinntinn air feadh na luchairt gu leir. Aig a’ cheart am thug an righ leis Aladin do thalla mor maiseach anns an robh cuirm shoghmhor air a deasachadh. Shuidh iad nan dithis comhladh aig a’ chuirm, agus bha ’n t-ard-chomhairleach agus maithean urramach na rioghachd, a reir an urram agus an inbhe, a’ frithealadh dhaibh fad na h-uine a bha iad aig a’ chuirm. Thug iad greis mhath air comhradh mu thimchioll iomadh rud; agus fad na h-uine is gann gu ’n do thog an righ a shuil dheth. Fad na h-uine bha iad a’ comhradh, leig Aladin ris gu soilleir gu ’n robh e ’na dhuine tuigseach turail; agus bha barail anabarrach math aig an righ air. An deigh do ’n chuirm a bhith seachad, chuir an righ fios air ard-bhreitheamh a’ bhaile, agus dh’ ordaich e dha cumhnantan a’ phosadh eadar Aladin agus a bhana-phrionnsa a sgriobhadh gun dail. Aig a’ cheart am bha ’n righ agus Aladin a’ comhradh mu chaochladh nithean ann an lathair an ard-chomhairlich agus mhaithean na cuirte. Chord a chomhradh riutha anabarrach math; oir bha e ’na smaointeanan glic agus tuigseach, agus bha iad air an cur ann an altaibh a cheile gu h-ordail reidh ann am briathran a bha araon taitneach agus geurchuiseach. An uair a chuir am breitheamh crioch air sgriobhadh cumhnantan a’ phosadh, dh’ fheoraich an righ de dh’ Aladin an robh e deonach fuireach anns an luchairt, agus am posadh a dheanamh an lath’ ud fhein. Fhreagair Aladin, agus thubhairt e: “Mo thighearna, ged a tha fadachd gu leor orm gus an deanar am posadh, gidheadh tha mi ’guidh’ oirbh gu ’n ceadaich sibh dhomh dail a chur ann gus an tog mi luchairt a bhios freagarrach gus bhur nighean a ghabhail comhnuidh innte. Air an aobhar sin bu mhiann leam gu ’n tugadh sibh dhomh aite freagarrach faisge air laimh anns an tog mi i, a chum gu ’m bi e na ’s fhasa dhomh tighinn gu math tric g’ ar n-amharc. Bheir mi ’n aire gu ’n togar an luchairt ann an uine ghoirid.” “A mhic,” ars’ an righ, “tog an luchairt ann an aite sam bith a chi thu iomchuidh. Tha fearann gu leor faisg’ air an luchairt; ach thoir fa ’n ear, gu ’m faod sin dail ro fhada chur anns a’ phosadh, agus tha mise gabhail fadachd gus an deanar e.” An deigh do ’n righ na briathran so a radh, rug e air Aladin a rithist na ghairdeanan. Ghabh Aladin a chead dheth a cheart cho modhail ’s cho iomchuidh ’s ged a bhiodh e air a bhreith ’s air ’arach anns an luchairt. Chaidh Aladin a rithist air muin an eich, agus mharcaich e dhachaidh anns a’ cheart ordugh anns an deachaidh e do ’n luchairt; agus bha ’n sluagh a bha ’g a choinneachadh a’ deanamh iolach aoibhneis, agus a’ guidhe gu ’m biodh sonas is soirbheachadh aige. Cha bu luaithe thainig e air lar na chaidh e d’ a sheomar fhein. Thug e lamh air a’ chruisgean, agus an uair a thug e suathadh air bha ’m fathach ’na sheasamh air a bheulaobh. “Fhathaich,” ars’ Aladin, “tha h-uile aobhar agam air a bhith riaraichte leis gach obair a rinn thu dhomh, agus leis cho deas ’s a bha thu gus umhlachd a thoirt dhomh. Ach a nis, ma tha bheag do mheas agad air a’ chruisgean, feumaidh tu, ma ’s comasach e, barrachd eud agus dichill a nochdadh na ’nochd thu riamh roimhe. Bu mhath leam gu ’n tugadh tu dhomh, cho luath ’s is urrainn dut, luchairt mhaiseach mu choinneamh luchairt an righ, ann an aite freagarrach, ach astar riaghailteach o luchairt an righ, a chum gu ’n gabh mi fhin ’s nighean an righ comhnuidh innte an uair a phosas sinn. Leigidh mi leat fhein na nithean leis an tog thu an luchairt a roghnachadh. “Ach tha mi ’g iarraidh gu ’m bi an seomar mullaich air a dheanamh de dh’ or ’s de dh’ airgiod, agus gu ’m bi mullach cruinn air. Feumaidh e bhith ceithir-chearnach, agus biodh sia uinneagan air a h-uile taobh dheth. Agus biodh gach aon dhe na ceisean aig na ceithir uinneagan fichead so air an criochnachadh gu coimhlionta [TD 102] [Vol. 11. No. 13. p. 6] ach an aon te. Biodh an seomar anns gach doigh na ’s briagha na aon seomar a chunnacas riamh anns an t-saoghal. Bu mhath leam gu ’m biodh da chuirt air beulaobh na luchairt—te dhiubh dluth air an dorus, agus an te eile an taobh am muigh dhi; agus garadh anabarrach maiseach. Ach os cionn gach ni, thoir an aire gu ’m bi airgiod is or gu leor air an tasgaidh ann far am faigh mise iad. A bharrachd air an luchairt, biodh a h-uile seorsa thaighean air am bi feum aig daoine air an togail ann an aite freagarrach, mar a tha taighean-storr, taighean-gnothaich, stabuill, agus mar sin sios. “Feumaidh na stabuill a bhith lan dhe na h-eich a’s fhearr, agus daoine gu leor a bhith ann gus a bhith frithealadh dhaibh. Feumaidh taighean do luchd-muinntir agus do luchd-dreuchd dhe gach seorsa a bhith ann mar an ceudna. Tha thu ’tuigsinn ciod a tha mi ciallachadh. Bi falbh, ma ta, agus dean mar a tha mise ’g iarraidh, agus an uair a bhios a h-uile dad deiseil agad thig g’ a innseadh dhomhsa.” Bha ’ghrian a’ dol fodha mu ’n am ’s an d’ thug Aladin ordugh do ’n fhathach. Aig soilleireachadh an latha, an uair a dh’ eirich Aladin, thainig am fathach far an robh e, agus thuirt e ris: “Mo thighearna, tha ’n luchairt deiseil; thigibh agus faicibh cia mar a chordas i ribh.” Cha bu luaithe ’dheonaich Aladin falbh na thug am fathach e ann am priobadh na sul thun na luchairt. Agus bha i moran na bu bhriagha na bha e ’smaointean a bhitheadh i, agus cha b’ urrainn da gun a bhith ’g a sior mholadh. Thug am fathach e do na h-uile seomar, agus cha robh dad ri fhaicinn ach rud a b’ ordaile na cheile. Cha robh rud sam bith a b’ urrainn a bhith ann an luchairt nach robh innte. Bha seirbhisich is searbhantan, agus luchd-frithealaidh eile dhe gach seorsa anns an luchairt, agus iad uile ann an eideadh riomhach agus obair fhein aig gach aon dhiubh. Leig am fathach an taigh-ionmhais fhaicinn dha, agus an uair a dh’ fhosgail am fear-ionmhais an dorus, chunnaic Aladin torran cho ard ri mullach an taighe de sporrain dhe gach meudachd air an cur gu h-ordail air an urlar. Thug am fathach dearbhadh dha gu ’n robh am fear-ionmhais onorach gu leor. ’Na dheigh sin thug am fathach do ’n stabull e far an robh eich cho math ’s a bh’ air an t-saoghal, agus bha na gillean-stabuill gu trang ’g an cireadh ’s ’g an glanadh. Agus as a sin chaidh iad do na taighean-stoir far an robh am pailteas dhe na h-uile seorsa rud a bhiodh feumail do na h-eich agus do’n luchd-frithealaidh. (Ri leantuinn.) A’ BHANAIS GHAIDHEALACH. LE AONGHAS MAC FHIONGHAIN. BHEIL fhios agad cò tha dol a phòsadh air a gheamhradh so?” arsa Mairi nic Sheumais ri aon de na coimhearsnaich, Caitrìona Mhòr. “Cha ’n ’eil,” arsa Caitrìona Mhór. “Tha,” arsa Màiri, “Fionnaghal, nighean Dhòmhnuill Mhòir. “Cò ’s i-fhéin?” arsa Caitriona. “Tha Dòmhnull òg, mac Iain ’ic Dhòmhnuill.” “Ma tà,” arsa Caitrìona, “bha mi smuaineachadh iomadh latha gu ’n tigeadh e thun a sin lath’-éigineach, oir o ’n a bha iad ’n an cloinn bhig cha ’n ’eil àite anns am bitheadh an darna h-aon anns nach bitheadh an aon eile, a’ dol gnothaichean do ’n mhonadh no leis a’ chrodh; no ’n uair a bhiodh iad anns an sgoil, bhiodh iad air an aon bhlàr-chloich; agus an uair a thàinig iad gu aois, bhiodh iad mar an ceudna gu tric còmhla anns an eaglais Di-Dómhnuich, ged nach robh iad a’ suidhe ’s an aon àite-suidhe. Cha b’ e searmon a’ mhinisteir air an robh an aire, ach ag amharc an dràsda ’s a rithist air a chéile le oisinn an sùl.” Bha Fionnaghal ’n a’ caileig dhreachmhor, agus na ’m biodh deise no boineid ùr oirre, bha sud a’ cur còrr seallaidh oirre. Bha a falt buidhe-bhan, gruaidhean ruiteach, suilean fallain gorm, air chor ’s nach robh sealladh a bheireadh i air Dòmhnuill nach robh a’ dol thun a chridhe. Bu mhòr eagal Dhòmhnuill gu ’m biodh fear ’s am bith eile ag amharc as a déigh; ach cha leigeadh e leas, cha robh fear ’s am bith ’s an àite a b’ urrainn cur eadar i-fhéin agus Dòmhnull oir thug iad an cridhe òg d’ a chéile; mar sin cha robh math ’s am bith do fhear eile tighinn air son Fionnaghal. Aig an luadhadh, mur bitheadh Dòmhnull ann cha b’ urrainn Fionnaghal fonn nan oran a thogail, ach cho luath ’s a nochdadh Dòmhnull ’s an tigh-luadhaidh, cha robh guth aig a’ chleath-luadhaidh cho binn ri guth Fionnaghail. Bha ’n cridheachan air an lìonadh le gràdh dha chéile; ’s an uair a bhiodh an luadhadh seachad chìtheadh tu Fionnaghal agus earasaid m’ a ceann, Dòmhnull ’s a ghairdean timchioll oirre gu cùramach ’g a cumail dlùth ris gus am fàgadh e i aig stairsneach tigh a h-athar. ’Nuair a bhiodh Dòmhnull air falbh aig an iasgach, bhiodh Fionnaghal a’ faighinn litir a h-uile seachduin, a bha gu cùramach aice ’g a ghleidheadh gus a bhi ’g an leughadh an drasda ’s a rithist; is mar an ceudna ’gabhail a h-uile cothrom a gheibheadh i a bhi figheadh stocainnean, gartanan, agus bréid-amhaich, air son an toirt do Dhòmhnull an uair a thigeadh e dhachaidh o’n iasgach. Cho fad ’s a bhiodh e aig an tigh, bhiodh iad còmhla cho tric ’s a’ b’ urrainn daibh; ach mu dheireadh cha b’ urrainn an cùmhnant dìomhair so a bhi air a chleith na b’ fhaide. Ghlac Dòmhnull misneach; chaidh e-fhéin agus beagan dhe ’chàirdean, le searrag no dhà a dh’ uisge-beatha aca ’n am pòcan air son an còrr misneich a thoirt dhaibh; oir ’s an àm ud dh’ fheumadh oidhche chridheil a bhi aca air oidhche a’ chòrdaidh. ’Nuair ràinig iad tigh Dhòmhnuill Bhàin, chuir e fàilte chridheil orra, oir bha fios aige gu math air aobhar an turuis. ’Nuair a rinn iad suidhe ’s a ghabh iad dram no dhà, agus smùid no dhà dheanamh dhe ’phiob-thombaca, agus greis air còmhradh, bha ’n tìm a’ dol seachad. Bha Dòmhnull òg a’ fàs an-fhoisneach, agus dh’ fheumadh a’ chùis a bhi air a’ cur an dara taobh; ’s an uair a ghabh iad dram eile, fhuair Dòmhnull òg misneach, agus chuir e a’ cheisd ri athair Fionnaghail. Fhreagair a h-athair, “A nis, a Dhòmhnuill mo ghille math, ma bhitheas sibh-féin còrdta cha chuir mise bacadh oirbh.” Thug Fionnaghal agus Dòmhnull òg sùil air a’ chéile, agus anns a’ cheart àm ghlac iad lamhan a’ chéile; agus tha mi creidsinn nach robh dithis ’s an sgìreachd a bu thoilichte air a dhol còmhla na Dòmhnull òg agus Fionnaghal. Thubhairt a h-athair, “A nis, tha thu ’n déigh còrdadh ris an fhear a roghnaich thu féin, agus cha chreid mi gu ’n gabh thu aithreachas; cho fad ’s mo bharail-sa, tha Dòmhnull òg ’n a ghille stuama, modhail, agus ’n a chosnach math. Cho fad ’s mo chuimhne-sa cha ’n ’eil ni mi-bheusach no mi-chliùiteach ri ràdh mu na daoine o ’n d’ thàinig e, taobh air thaobh.” An uair a fhuair Fionnaghal agus Dòmhnull òg an còrdadh le toil an athair agus am màthair seachad, agus a h-uile ni mar bu mhiann leo, thòisich iad ri bhi deanamh deas air son na bainnse. Cheannaich athair Fionnaghal trusgan a b’ fheàrr a bha ’s a’ bhùth agus ann am fasan an àite. An uair a bha e dlùth air latha na bainnse, chaidh cuireadh a thoirt do na coimhearsnaich agus luchd-eòlais. Thòisich iad ri tighinn gu tigh Dhòmhnuill le tiodhlaicean-bainnse. Cha robh mòran de obair òir no airgid a’ dol ’s an àm ud; ach bha iomadh rud a bha cho feumail ri obair òir no airgid, mar a bha brait agus plangaidean agus stocainnean, ’s cuid a bheireadh caora no mult; cuid, ìm, cearcan, càise, iasg air a thiormachadh. Cha robh seòrsa a dh’ fheumadh neach de iasg, feòil, sithionn, ’s mar sin air aghart, nach robh air an toìrt g’ an ionnsuidh. Mu dheireadh thàinig an latha sòlasach a bha so do Dhòmhnull òg agus Fionnaghal. Chruinnich iad aig tigh Dhòmhnuill Bhàin gu math tràth dhe ’n latha, cuideachd mhòr. Tha cuimhne agam gu math air am faicinn a’ dol seachad an rathad, dlùth do thigh m’ athair, ’s iad a’ dol a choiseachd ochd mìle gu tigh a’ mhinisteir air son a’ phòsaidh, ach ’s beag a chuireadh an t-astar ud air an cridheachan òga fallain air latha-bainnse. Bha Fionnaghal agus a fleasgach-bainnse air thoiseach, Dòmhnull òg agus a mhaighdean-bhainnse ’n an déigh, agus Somhairle Mòr le ’ghunna a’ lasadh urchair an dràsda ’s a rithist. Fionnaghal le còta grinn Gallda, boineid chònlaich le itean geala ’s dà ribean shìoda ’g a ceangal fo a smigeid, agus earasaid mhòr thartain air a cumail ri chéile air a brollach le bràisd mhòr airgid: “Gur math a thig a trusgan duit Is brogan dubha bucallach, ’S do chìochan mine gucagach Air t’ uchd cho geal ri neòinean.” Dòmhnull òg le brigis dhubh “philot,” le dà shreath de phutanan mòra ’g a dùnadh gu ’h-iochdar, neapaicin shìoda m’ a amhaich, boineid ghorm o Ghleann-garadh le leth-shlat de ribeanan sìoda ’snàmh anns a ghaoith. Ràinig iad mu dheireadh tigh a’ mhinisteir, ’s an uair a chaidh iad fo bhòidean cudthromach a’ phòsaidh, phill iad dachaidh air a’ cheart doigh, ach gu ’n robh Fionnaghal air gàirdean Dhòmhnuill òig, a’ tilleadh. ’Nuair a ràinig iad an tigh-bainnse bha ’n sabhal làn a dh’ uaislean; dà bhòrd bho cheann gu ceann dhe ’n t-sabhal, làn de gach seòrsa de bhiadh agus deoch, pige mor lan de mhac-na-bracha, oir dh’ fheumadh esan a bhi ann. ’Nuair a shuidh iad sìos aig na bùird, fear agus bean na bainnse ’n an suidhe aig ceann fearr dhiu, ’s an uair a chaidh a’ chuach a chur timchioll uair no dhà, thòisich h-aon no dithis ri bruidhinn mu chliù fear agus bean na bainnse. Chaidh iad an sin ’an gréim ris an dìnneir, agus ’nuair a bha gach neach sàsaichte, chaidh na pocannan de mhìlsean a thoirt ’am follais, ’g an sradadh feadh an tighe agus air a’ chàraid òig: ’s ann aig na balaich òga a bhiodh an fhéisd orra; bha iadsan fo na bùird a’ cruinneachadh na bha tuiteam. ’Nuair a rachadh na frasan siùcair seachad, bha na bùird ’g an cur ri thaobh, agus an t-ùrlar air a sguabadh air son an dannsadh. Bha Niall Dubh, am pìobair, ’g a thoirt air aghart, an déigh dha ’n latha a chosg le botul “treacle” a’ deanamh bog a mhàla a bha cho cruaidh ri uachdar a bhrògan, agus na dois cho dubh ri cabair sùitheach, oir cha do chluich e i bho ’n a bha e aig a bhanais a bha ’n tigh Phàruig Bheatain; ach an uair a bha i ’n ordugh ’s a thòisich Niall Dubh agus na dannsairean, theab nach sguireadh iad. Bha iad ann an sin gu madainn, a’ gabhail òran ’s a’ dannsadh. Cha robh mòran sunnd-dannsaibh orra air an là-màireach. Cha robh càraid ’s an àite cho toilichte le ’n crannchur ri Fionnaghal agus Dòmhnull òg. Bha teaghlach mòr aca, agus thug iad foghlum cho math ’s a rachadh ac’ air a thoirt dhaibh; agus rinn cuid dhiubh feum math dhe ’n fhòghlum a fhuair iad. Tha iad sgapta do gach ceàrn de ’n t-saoghal, cuid dhiubh ’n an onoir d’ am pàrantan agus d’ an dùthaich. [TD 103] [Vol. 11. No. 13. p. 7] Buain na Feamann. Oran Luaidh a rinneadh an Grianaig, LE MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN. Air Fonn:—“Cleoc Iain Mhorro.” Ged tha sinn ann an Grianaig, B’e ar miann bhith aig a’ bhaile, ’N àm an earraich, hì ri ó; Hì ri ó, sinn bhiodh fallain, Buain na feamann, hì ri ó. Sinn bhiodh fallain leis an fhàile, ’S tric a rinn an sàil ar glanadh, Cleas nan tunnag. ’N uair a thiormaicheadh an tràigh, Gum falbhamaid a mhàn le corran, Bhuain na feamann. H-uile bean o Roinn-na-h-Airde, ’S Mairghread bhàn, nion Iain-’ic-Calum, Bho na choille. ’N uair a dheanamaid an ràth, Gum fanadh pàirt againn ga fhaireadh, ’G itheadh bhonnach. ’S ’nuair a dh’ eireadh am muir làn, Gun rachadh bàtaichean ga tharraing Dh’ ionnsuidh fearainn. ’S ’nuair a roinnteadh cuid gach nàbaidh Rachadh a chàramh air an talamh— Cleibh ga tharraing. ’S ’n àm bhith cur an t-sìl ’san làr, Gum biodh gach aon ’sa làmh an tarraing, Blàth le fallus. ’S ’nuair a chriochnaicheadh an t-àiteach, Dh’ fhalbhamaid gun dàil an mhonadh, Bhuain a chonnaidh. Buain an fhraoich ’s a’ tarraing mòna, ’S cha b’e ’m bròn bhiodh air ar n-aire, Falbh a’ mhonaidh. ’N uair a dheanamaid na cruachan, Bhiodh deir-bhuana ’n ceann gach baile, ’S piob ga srannadh. ’S ’nuair a thigeadh a’ bhliadhn’ ùr oirnn, Bhiodhmaid mùirneach, sùnndach, fallain Falbh air Challainn. Litir a Lag an t-Slocain. A’ CHARAID,—Bho nach ’eil naidheachdan ùr no annasach agam, agus a chionn gur e na seann rudan a chuala mi o chionn fad’ an t-saoghail is dlùithe tha leantuinn ri m’ inntinn, bheir mi dhut té no dha dhiubh, sin ri radh ma bheir thu cearb a d’ breacan dhaibh. An làithean m’ oige ’s iomadh cleachdadh neo-chiontach a bhiodh ’n ar measg mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna. Cha robh ni a cordadh ri gillean oga na dùthcha cho math ri dol air challaig. Bhiodh na gillean a’ cruinneachadh le ’n cuid phocannan, ’s iad gu cridheil, sunndach, toilichte. Mu ’n leigeadh na coimhearsnaich a stigh iad dh’ fheumadh iad duan a ghabhail. Mur b’ urrainn dhaibh duan a dheanamh ghabhadh iad duan a chual’ iad roimhe. So agad duan, no bloigh duain, a bhiodh aca ga ’ghabhail:— “Mise nochd a dol air challaig, A dh’ innse ’mhnathan a bhaile Gur e ’màireach Latha Nollaig, ’S gillean bochd a dol a dholaidh, Gun ìm, gun chàise, gun aran, Ach droch chnapan bhuntàta, Is duilleag chàil an déis a phrannadh; Is coir am measgan a ghearradh, Is coir am measgan a ghearradh, Is mur a gearrar e gun chomhstri, Theid an ordag ’chur air sgornan caillich. Mise ’s dorus; fosgail so!” Ach dh’ fhalbh na làithean ud, ’s cha till iad gu bràth. Agus cha ’n ’eil fhios agam am bheil daoine dad na ’s glice no na ’s fhearr. Chuala mi a bhi ’g innse uair mu Ghall ’s mu Ghàidheal a bha ’connsachadh mu ’n Ghàilig, ’s iad a seasamh air clar-uachdair soithich a bha ’seoladh am mach a acarsaid ann an cearn’ àraidh. Bha ’n Gall ag radh nach robh innte ach cainnt gun diù; nach cuala esan òraid riamh ann an Gàilig, ’s nach robh feum innte. Am burraidh! “Nach cuala, gu dearbh!” ars’ an Gàidheal. “Seas ann an sin, mata, agus éisd riumsa treiseag bheag,” ars’ esan, ’s e ’cur a dhruim ris a chrann. Thoisich e ’n uair sin ri gabhail “Biorachan beag is Biorachan mor” cho luath ’sa bha na ’chomas. An uair a bha ’n Gàidheal ullamh ga ghabhail, thuirt an Gall, a bha ’g éisdeachd le ’bheul fosgailte, a sluigeachdainn a h-uile facal, nach cuala e a leithid de speecha o rugadh e. “Cha robh dùil agam,” ars’ esan, “gu ’m b’ urrainnear a leithid a dheanamh ’sa Ghàilig.” Chòrd an òraid cho math ris ’s gu ’m b’ fheudar do ’n Ghàidheal a ghabhail a dha no tri thursan dha. Agus a bharrachd air a sin, chuir e barailte de sgadan briagha a dh’ ionnsuidh a Ghàidheil. Bha fear uair ann an cearn’ àraidh de ’n Ghàidhealtachd a bha ainmeil air son deanamh phort. Chaidh duin’-uasal a bh’ anns an àite air chall air feadh na mòintich, agus cha ’n fhaca mo laochan ni a b’ iomchuidhe na oran a dheanamh dha. So na tha agam air chuimhne dheth:— “Latha dhomh ’sa mhòintich Air toir maighstir Seumas, Thachair rium am bòcan, Ròg-chailleach Staoghlaidh: Thubhairt i ob-oban, Ob-òb, thoir thu fhéin as! Ach bhual mi mo dhòrn Mu ’n t-sròin air a bhéisd ud! FONN—Em bo, ogaidh o, Cailleach mhor Staoghlaidh; Em bo, ni mi spors Ann an doigh éibhinn. Em bo, ogaidh o, Cailleach mhor Staoghlaidh. Sid far robh ’n t-sabaid, ’S an sadadh air dhòrnaibh, Bhogan, chnagan, feadh na mòintich, Rachadh le ionnsuidh Fodha dh’ ionnsuidh na t—e; Cha ’n fhaca tu le d’ shùil ’Leithid a dh’ ùpraid ’s a dh’ ònaich. Em bo, ogaidh o, Cailleach mhor Staoghlaidh; Em bo, ni mi spors Ann an doigh éibhinn. Em bo, ogaidh o, Cailleach mhor Staoghlaidh. Cha ’n ’eil facal firinn anns an oran. Cha robh cailleach mhor Staoghlaidh ann riamh. Tha cuimhn’ agam air duine beag ruadh, fior charran, a bhiodh a taghal ’san taigh againn gu math tric. Air latha àraidh, beagan roimh àm na dinnearach, thachair dha tigh’nn a stigh. An uair a shuidh sinn aig a bhòrd, thug m’ athair cuireadh do dh’ Aonghas—oir b’ e so ainm—suidhe ’stigh agus an t-altachadh a dheanamh, ged a dh’ fhaodadh e bhi cinnteach nach d’ rinn Aonghas truagh altachadh riamh. “Bu choma leam riamh,” ars esan, “an t-altachadh fadalach, ’nuair a dh’ fhàsadh an tì na ’sgudal anns a’ chupa. Mar a thuirt Donnachadh dearg, amadan a bh’ ann an Uidhist, ’fhad ’sa bha ’m buntàta gu math, ’s gach ni a soirbheachadh leam, bhithinn a deanamh altachaidh; ach o’n a dh’ eug mo bhean tha ’n saoghal ag àr na m’ aghaidh, is stad mi dheth.’ Nach robh an fhìrinn aige!” Ged a bha Aonghas a taghal gu math tric an deigh sid, cha d’ iarradh riamh tuilleadh air altachadh a dheanamh. Ach tha eagal orm gu ’n sgìthich mi sibh le m’ rabhtaireachd. Criochnaichidh mi an litir so, A’ guidhe Nollaig cridheil Is Bliadhna Mhath Ur Do na phaipear Ghàilig, ’S an Gàidheal gu ’chùl, A tha gach co’-la-deug A toirt sgeulachdan dhùinn, Naidheachdan is orain, Is stoiridhean ùr’. Is mi bhur bana-charaid, PEIGIDH PHABACH. Lag an t-Slòcain. Iadsan a Phaigh. Iain Mac-an-t-Saoir, Stratford, Ont. Iomhar Mac Cuithein, Stayner, Ont. Iain Mac Callum, Walker’s, Ont. Domhnull Mac Fhionghain, Riga, N. W. T. Raonull Mac Eacharan, St. Andrew’s, N. W. T. Gilleasbuig Camaran, Victoria, B. C. Ceit F. Nic Leoid, Peveril, Que. Domhnull Mac Coinnich, Glascho, Alba. Iain Mac Gillfhinnein, Hakataramea, N. Z. Iain N. Beutan, Palo Alto, Cala. Iain Mac Thorcuill, Iron, Minn. Uisdean Mac Leoid, Six Mile Brook, N. S. An t-Urr. D. Siosal, Heatherton, N. S. Ailean Mac Gilleain, Halifacs, N. S. Dr Murchadh Siosal, Halifacs, N. S. R. S. Mac Leoid, Baile nan Gall. Iain F. Domhnullach, Seana Bhridgeport Niall Mac Gilleain, Fourchu Gilleasbuig Mac-a-Bhiocair, Catalone. Domhnull Mac-Phàrlain, Cox Heath Eobhan Mac-a-Bhiocair, an Gleann Mor Bean A. I. Dhomhnullaich, an Gleann Mor Domhnull I. Mac Leoid, Abhainn Dhennis Iain Mac Gillfhinnein, Abhainn Dhennis Ailean N. Domhnullach, Bridgeport Alasdair D. Mac Suain, Glascho Iain Mac Leoid, Sidni Tuath Bean Thormaid Mhic-an-t-Saoir, Loch Lomond Iain E. Mac Leoid, Ingonish Domhnull M. Mac Mhuirich, Sidni. D. I. Mac Fhraing, Mèinnean Mhabou Gilleasbuig Mac Neill, Ceap Dauphin Domhnull Mac Gill-fhinnein, Port Hood Ceit Nic Gillesheathaich, Grand River Iain Camaran, Grand River Alasdair Caimbeul, Brook Village [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An Togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.< Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 104] [Vol. 11. No. 13. p. 7] Duan Callainn. LE MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN. Thainig mise ’n so air Challainn, Gu dorus a’ ghille ruaidh, ’S o’n is e fasan a’ bhaile Nach fhaigh duine stigh gun duan— Fasan a bh’ ann ri tìm ar n-oige, ’S coir dhuinn bhith ga ’chumail suas; Gillean-Callainn anns gach dorus, ’Beannachadh ’s a’ gabhail dhuan. Theid sinn gu tigh Dhomhnuill chùirteil, Fear cho coir ’sa tha ’san dùthaich, Gheibh sinn an t-aran gun chaomhnadh, ’S an t-ìm gasda, blasda, cùbhraidh, Tì thoirt dhuinn ann am bùla, Agus siùcar ann an cuaich; Fiathachadh farsaing g’ a ionnsaidh, Tha mi ’n dùil gu ’n teid mi suas— An e mo bheatha? Caismeachd Chloinn Chamarain. (March of the Cameron Men.) Cha ’n ’eil oganach treun de Chloinn Chamarain gu leir Nach teid deonach fo Bhrataich Lochial, Gu buaidh no gu bàs, ’s bidh iad dileas ’s gach càs, Oir géill cha d’ thug Camaranach riamh. Nach cluinn sibh fuaim na pioba tighinn, Gu h-àrd thar monadh is gleann, Agus cas-cheuman aotrom a’ saltairt an fhraoich! ’S i caismeachd Chloinn Chamarain a th’ ann! O, ’s uallach an ceum, ged tha fios aig gach treun Gu ’m faod e bhi ’màireach ’san ùir. Ach gach armunn gun sgàth theid le cheannard do ’n bhlàr Far ’m bu dualach dhaibh buaidh agus cliù. Tha ’ghealach air éiridh ’s tha gathan air ceuman Nan oigear tha treun agus fior; ’S àrd dochas an cléibh, ’s thuirt an ceannard e féin Gur laoich iad nach géill anns an strith. Nach cluinn sibh, &c. A’ Bhan-righ Nach Maireann. Rinneadh an t-oran so leis an Urramach Domhnull Mac-Callum, ministeir sgire nan Loch, an Leodhas. Choisinn e duais aig a’ Mhòd—duais a chaidh a thairgse air-son an orain-molaidh a b’ fhearr a dheante do Bhànrigh Victoria. A’ Bhan-righ nach maireann, Victoria chòir, Tha nis anns na Flaithean A mealtuinn a glòir, Cho fad ’sa bhios talamh Gu torach toirt feoir, Bidh cuimhn’ air a mhaitheas A nochd i na lò. A’ Bhan-righ nach maireann, Dhuinn’ molaidh na bàird Gu binn anns na rannan Bheir soileas gu bràth ’S na dùthchannan farsuinn Gu cosnadh dhuinn stàid ’S an eachdraidh bidh aithris Air obair a’ làmh. A’ Bhan-righ nach maireann, Mar Shola bho Neamh, Fhuair gliocas is aithne Gun tomhas gach ceum, A dh’ ìocadh dhuinn ceartas ’S thoirt cogadh gu réit, ’S gu sior bheir sinn beannachd Air solus a gréin. A’ Bhan-righ nach maireann, B’ i boirionnach ciùin, Mar rionnaig na maidne, Ri ’n togar gach sùil, Gu ’n d’ éirich leat latha Bha soileir g’a chùl ’S chuir ruaig air an fhaileas ’S an domhan bha dùmh’l. A’ Bhan-righ nach maireann, Rinn sgoilearan mòr, A dh’ fhosgail gu farsuinn An dorus gu eòl, Chuir cumhachd ’n ar lamhan Gu togail ar slòigh, Gu àird air nach d’ amais Gin romhainn ri ’m beo. A’ Bhan-righ nach maireann, Bha t-onair mar òr, Thig glan as an lasair ’S nach dochann teas mòr; Cha d’ iarr thusa beartas, Bhi solar fo d’ sgòid, Do shòlas b’ e labhairt Do bhochdan gun treòir. A’ Bhan-righ nach maireann, Victoria chòir, Bhi luaidh ort gur math leam ’Nuair thogas mi ceòl; Do bhuaidhean thug barrachd Gur soluis iad dhomhs’, Ga m’ chumail ’san rathad Gu cothromach stòld’. Duanag do Cheap Breatunn. LE ALASDAIR DOMHNULLACH, AM PAINTER MOR. AIR FONN—“Fhir a bhata, ’s na ho ro eile.” An tir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile, An tir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile, ’S na fir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile, Mo shoraidh slàn leibh gach là dhuibh éiridh. Thoir soraidh bhuamsa thar chuain gu m’ chàirdean ’San eilean uaine ’san d’ fhuair mi m’ àrach, A thog na h-uaislean bha stuam’ nan nàdar, ’S bha làn do luaidheachd nach d’ fhuair am pràbar; ’Bha seasmhach, direach ’s gach ni bu choir dhaibh, ’S a lean an fhirinn le sith gun dò-bheart: B’ e sud an dileab ’fhuair sibh mar storas, Nach treig gu dìlinn is sìlein beo dhibh. Clann nan seoid nach robh crion na’n nàdar, O ’m faight’ an fhialachd ’s am biadh gun phàidheadh; Cha diult na siantan feur is bàrr dhuibh, Na saibhlean lionta gu riarach’ chàich leis. Clann nan saighdeir, gun fhoill, gun fhàillinn, Ri uchd nan naimhdean nach d’ fhaighnich fàbhar; ’S ann mar an daoimein le bhoillsgeadh àluinn, A bhitheadh soillse nan sonn ’sna blàraibh. ’S e soillse grein air a shliabh ’n trà-nòine, ’S na h-uillt ’s an iarmailt a riaghladh ceo dheth; A mhaighdean bhriagha gun ghiomh na gò innt’, A lughdaich d’ iargain ’s a mhiadaich d’ shòlas. Na gleannan tiorail tha biadh is ceol annt’; Tha gloir do ’n Trianaid am beul na h-oigh ann; ’S an t-eoinean briathrach ’cuir meud no oran, ’Sa mhaduinn fhiathail mu’n iath an ceo as. Na tig gu dìlinn ach sìth is sòlas ’San àit’ am bi sibh, no linn dhe ’r seòrsa; ’S e bhi na ’r righrean am pris ’s am mòrachd, Mo dhùrachd fhin dhuibh is mi air fògradh. Antigonish, N. S. Tha beatha an duine air a roinn ’na tri earrannaibh, agus is iad sin, an earrann a bha, an earrann a ta, agus an earrann a bhitheas. Bu choir dhuinn a bhi air ar teagasg leis an àm a chaidh seachad, buannachd fhaotainn o’n àm a ta làthair, agus gu bhi ’gar giùlan fein ni ’s fearr air son an ama ri teachd. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 105] [Vol. 11. No. 14. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 9, 1903. No. 14. BLIADHNA MHATH UR. MAR bu nòs do na Gàidheil o shean, ’s mar is nòs daibh gus an latha ’n diugh a bhi cur fàilte na Bliadhn’ ùire air a chéile a’ cheud uair a choinnicheas iad an déigh dhi tighinn, mar sin tha MAC-TALLA, a’ cheud uair so a ruigeas e a chàirdean air a bhliadhna 1903, a’ guidhe dhaibh le làn dhùrachd a’ chridhe BLIADHNA MHATH UR. Is e ghuidhe ’s a dhòchas gu ’m bi a’ bhliadhn’ ùr so na bliadhna shoirbheachail, shona dhaibh. A’ BHLIADHN’ UR. O SHEAN bu ghnàth leis na Gàidheil a bhi cur an céill an càirdeis ’s an deagh rùn do chàch a chéile aig an àm so de ’n bhliadhna. “Bliadhna mhath ùr dhuibh”: b’ e sid an fhàilte ’s thigeadh i o ’n chridhe. Cha bhiodh am freagradh dad na b’ fhuaire: “Mar sin dhuibhse agus moran dhiubh.” Cluinnear na briathran fhathast air bilean an t-sluaigh, ach their cuid gu ’m bheil na facail fuar agus gun mhoran brìgh seach mar a bha iad ri linn ar n-athraichean. Ma tha sin fior cha bu chòir e bhi mar sin. ’S olc an comharradh air neach no air sluagh a bhi leigeil leis an t-saoghal greim cho làidir a dheanamh orra ’s nach ’eil suim aca, ma bhios iad féin gu math dheth, gu dé mar bhios a chùis, math no olc, a thaobh muinntir eile. Cha bu dual do na Gàidheil a bhi dhe ’n inntinn sin. Tha aignidhean blàtha agus furasda ghluasad aca mar dhìleab o’n fheadhainn o’n d’ thàinig iad; agus cha ’n ’eil mise de ’n bheachd nach ’eil roinn mhath de ’n spiorad choibhneil, bhàigheil sin ann ar measg fathast. Gu ma fada bhios e mar sin. Tha e nàdarra gu ’m biodh foghail aig an òigridh ris an Nollaig agus ris a’ Bhliadhn’ Uir. Tha faireachduinn na h-òige agus na h-aoise eadar-dhealaichte o chéile air iomadh dòigh. Is dual do ’n òige an cridhe bhi mireag riutha, agus o shean bha e na àbhaist fealla-dhà agus fearas-chuideachd a bhi na ’m measg aig an àm so dhe ’n bhliadhna. Cha mheasainnsa gu ’m biodh e chum buannachd air dòigh sam bith croma-cheann a bhi orra. Cha ’n ’eil diadhachd a co-sheasamh ann a mi-chumadh a chuirp. Biodh an òigridh neo-lochdach an gniomh ’s an còmhradh, agus biodh iad geanail, inntinneach, mar tha e nàdarrach dhaibh a bhi, fhad ’s a dh’ fhaodas iad. Mar bhios ùine dol seachad fàsaidh iad stòlda mar chàch, ’s cuiridh iad cùl le ’n toil féin ri iomadh ni a bha aon uair cho taitneach leò. ’Nuair chi sean mhuinntir òigridh subhach, sòlasach, tha e toirt togail inntinn dhaibh fein, agus ma tha iad glic, cha mhath leò toil-inntinn neo-chiontach na h-òige a mhilleadh orra gun aobhar. Tha a shochairean agus a thoil-inntinn fein co-cheangailte ris gach tràth de ’n bhliadhna. Tha ceithir tràthan anns a’ bhliadhna, agus thugadh dhuinn buadhan inntinn leis am faod sinn toileachas agus taitneas fhaotainn bho na caochlaidhean fa-leth a tha na tràthan a toirt mu ’n cuairt. Tha Samhradh is Geamhradh, Foghar is Earrach againn, agus ged is eu-coslach ri chéile an aimsir agus cruth an t-saoghail anns na tràthan fa-leth sin, tha thaitneas féin an cois gach aon diubh. Bha so air a thuigsinn agus air fhaicinn gu sàr mhath leis an t-sluagh o ’n d’ thàinig sinn. Bha sùil aig na sean Ghàidheil gu maise nàdair fhaicinn, agus bu taitneach a sheinn na bàird mu bhlàths a chéitein agus mu ogluidheachd na gaillinn; mu àilleachd an fheasgair shamhraidh, agus mu dhoineann nan speur ann an dùbhlachd a gheamhraidh. Chuir na sean Ghàidheil an smaointean ann am bàrdachd, agus bha fonn freagarrach aca air-son gach ni ris an cuireadh iad an làmh. Ma ’s ann aig àiteach an fhuinn, no ag cuallach na spréidhe, air machair no air mòintich, bha fonn aca m’a choinneamh. Bhiodh an luinneag thàlaidh aig a bhanaltrum. Bhiodh “Gaol-an-t-aghan” aig a bhanachaig anns an eadradh. Aig a bhradhain, no a cur aird air calanas, bhiodh a crònan fein aig gach mnaoi. A dol air astar mara bhiodh an “Iorram” ann, agus air astar tire an “Spaisdearachd.” An àm dol ri uchd nàmh bhiodh am “Brosnachadh Catha” ann. An uair bu bhàs do ’n triath bhiodh an “Cumha” tiamhaidh ga ’chur suas. Agus, mar gach àm, air oidhche Challainn bhiodh rann ri chluinntinn aig na gillean-Callainn, agus b’ e mo thruaighe an té nach biodh còir, geanail, an uair a rachadh an caisean-Callainn a thomhadh rithe. Anns an dùthaich so tha Bhliadhn’ Ur againn am measg reòtachd is fuar-shneachd a gheamhraidh. Tha gruaim air aghaidh nàdair, agus gorm mhaise na machrach ’s nan craobh air searg as. Tha ’n latha aig a ghiorrad, agus an oidhche fada, fuar, ach do neach an ni feum dheth, tha so uile na thaitneas agus na bhuannachd. Tha ’n talamh a nise còmhdaichte na thrusgan geamhraidh. Tha cluig nan each ri ’n clninntinn gu siubhlach air na rathaidean mora, agus co nach aidich nach ’eil dòigh siubhail eile ann cho taitneach ri suidhe ann an sleighe chlùthmhor, le béin umad agus mu ’n cuairt ort, agus each sunndach, luth-chasach a cur na slighe le bras-astar as a dhéigh. Tha nise an oidhche fada ’s mar sin cothrom aig an dichiollach anail a leigeil. Tha toradh na sean bhliadhna anns an taigh-thasgaidh, ’s cabhag cur is buana seachad. Faodaidh càirdean agus coimhearsnaich dol a dh’ fhaicinn aon a chéile uair is uair—seadh, beagan de ’n t-sean chéilidh a bhi ann. Ach tha ’n t-àm so de ’n bhliadhna ro-thaitneach le bhi toirt cothrom do ’n teaghlach cruinneachadh a stigh agus suidhe sios gu blàth, seasgair mu ’n aon ghealban; a chlann-nighean ’s am màthair ri figheadh no ri fuaghail; na fir a cur aird air ni eiginn dhaibh fein, agus fear no té ma seach a leughadh a mach á paipeir no á leabhar taitneach ann an éisdeachd chàich. Anns a chleachdadh sin cha ’n fhairichear uairean na h-oidhche gheamhraidh a dol seachad; ’s ann is luath leis an teaghlach a thig àm ghabhail mu thàmh. Bliadhna eile. Tha gach bliadhna ’deanamh atharrachadh oirnn. Cha do dh’ fhàg a bhliadhna dh’ fhalbh sinn mar a fhuair i sinn, ’s cha mhò dh’ fhàgas i so. Dh’ fhàg an t-sean bhliadhna sinn mar nach d’ fhuair i sinn. Dh’ fhàs no shearg sinn. Thàinig sinn air aghart ann an eòlas no chaidh sinn na bu doimhne ann an clàbar an aineolais; tha sinn na ’s ullaichte no na ’s neo-ullaichte air son an saoghal fhàgail. Tha ’Bhliadhna Ur air tighinn d’ ar n-ionnsuidh le tiodhlacan ùra. Tha i a giùlan ugainn, ann am pasgan dùinte agus air a sheulachadh, cuibhrionn air leth do gach neach. Cha bhi am pasgan air fhosgladh idir a dh’ aon bheum; ach mar a bhios na miosan a dol seachad bidh ni ùr air a thoirt am follais is air a bhàraigeadh oirnn—gach neach a faotainn as a phasgan a tha air a chur air leth dha fein. Sid mar a bha an uiridh agus anns gach bliadhna thainig air ar ceann o’n tharraing sinn a cheud anail, agus sid mar a bhitheas gus an tarraing sinn an anail mu dheireadh anns an t-saoghal. Mar bhios nithean ùra air an toirt am follais ’s air an toirt dhuinn bidh iad a deanamh caochladh drughaidh air ar n-inntinn—cuid dhiubh a toirt sòlais, agus cuid, ma ’s feumail e, a toirt doilghios agus ag aobharachadh tùrsa. Cha ’n e an t-aon bhuaidh a tha aig gach tiodhlac oirnn, gidheadh tha iad uile tighinn as an aon phasgan agus air am bàraigeadh oirnn leis an aon laimh, agus tha gliocas agus gràdh air cùl na laimhe tha air a sìneadh d’ ar n-ionnsuidh le cuibhrionn gach latha. Agus ma ghabhas sinn math as an laimh ud nach còir dhuinn mar an ceudna olc a ghabhail; seadh, ni a dh’ fhaodadh sinne, a thaobh ar n-aineolais, a mheas mar olc. Tha sinn mar leanabanan gun eòlas, a their olc ris gach ni tha seirbh agus math ris gach ni tha milis do ’n càil. Gidheadh cha ’n ’eil na h-uile ni searbh olc, no na h-uile ni milis math. ’S e nithean milis nithean taitneach a tha sinn a miannachadh, agus tha sinn a criothnachadh ro ni searbh. Ach air son sin tha nithean searbha gu math na ’n àite féin. Am bheil nithean cruaidhe am pasgan na bliadhna dhuinn? Cha ’n ’eil fios againn, agus is math nach ’eil. Tha e moran na ’s fearr sinn a bhi aineolach air na tha gu tighinn oirnn gus an tig e. Ach mar luchd-foghlum ann an sgàil na beatha so, biodh gach neach a giùlain smachdachaidh mar phàirt de ’n chùrsa-foghluim troimh bheil aige ri dhol. Cha ’n ’eil smachdachadh air bith am feadh a ta e làthair sòlasach, ach doilgheasach, gidheadh na dhéigh sin bheir e mor thoradh dhaibhsan a tha gu dligheach air an cleachdadh ris. ’S e ar dùrachd do ’n fhear-dheasachaidh agus do uile luchd-leughaidh a MHAC-TALLA, gu ’m bi iomadh ni taitneach ann am pasgan na Bliadhn’ Uire so, a bhios a cur gean air an gnùis agus aoibhneas na ’n cridhe. C. C. [TD 106] [Vol. 11. No. 14. p. 2] A’ Bhliadhna ’n Uiridh. THA ar beatha neo-chinnteach; ach air fhad ’s gu ’m faod neach sam bith a làithean a shìneadh, cha bhi e gu bràth tuilleadh cho faisg air a bhliadhna ’n uiridh ’s a tha e aig an àm so. Tha i gach latha dol ceum ni ’s fhaide uainn, oir air turus na beatha tha sinn a sior dhol air adhart, agus cha ’n eil e an comas duine bheò tionndadh mu ’n cuairt no dhol air ais. Am feadh ’s a tha sinn fhathast faisg air a bhliadhna dh’ fhalbh, ma-ta, gabhamaid sealladh oirre. Thòisich a’ bhliadhna 1902 agus an iarmailt air a dorchnachadh le neòil dhubha a chogaidh. Bha na Breatunnaich ’s na Boerich a strith mu uachdaranachd Africa mu Dheas, ’s ged bha ’n t-strith air mairsinn còrr is da bhliadhna cha robh moran coltais gu ’n robh i gu bhi ’n ùine ghearr air a toirt gu crìch. Ach an ceann beagan mhios sguabadh na neòil dhubha air falbh, thainig coltas aoidh agus sith air aghaidh nan speur, fhuair am Breatunnach buaidh, ’s fhuair am Boerach ceartas, agus tha iad a nise gabhail còmhnuidh taobh ri taobh, ’s fior choltas orra gu ’n leigear naimhdeas agus strith an àm a chaidh seachad air diochuimhn. Do ’n Iompaireachd Bhreatunnaich b’ e ’n ath ni bu chudthromaiche a thachair air a’ bhliadhna ’n uiridh crùnadh an righ. Bha tri fichead is ceithir bliadhna air a dhol seachad o ’n bha crùnadh ann am Breatunn roimhe, agus o ’n bha ’n sluagh uile air mhire le gàirdeachas an deigh gairm na sìthe, bhatar a’ faicinn iomchuidh crùnadh Righ Iomhair a bhi air a dheanamh le anabarr greadhnachais. Rinneadh gach ullachadh, agus bha gach ni deiseil, ’s an saoghal mor a feitheamh gu ioghnadh a ghabhail de neart ’s de mhòrachd Bhreatuinn, nuair thàinig sgeul an sgaraidh, gu ’n robh an righ air a bhualadh le tinneas agus na laidhe aig dorsan a bhàis. Thionndaidh sin an gàirdeachas gu bròn, ’s a’ mhòrchuis gu irisleachd, agus nuair chaidh an righ am feobhas, ’s a rinneadh a chrùnadh, sia seachduinean an déigh an àm a shònraicheadh an toiseach, cha b’ e othail uailleil a bha measg an t-sluaigh a bha ga ’fheitheamh, ach spiorad taingealachd do’n Fhreasdal a chaomhain beatha ’n righ ’s a rinn aiseag gu slàinte. Bha iad air fhiosrachadh as ùr nach b’ ann an làmhan dhaoine bha beatha righrean no neart rioghachdan, ach gu ’n robh iad uile fo riaghladh agus fo chumhachd Righ nan righ. Air a bhliadhna dh’ fhalbh bidh cuimhne air-son an sgrios uamhasaich a rinneadh air eilean Mhartinique, ’s na h-Innsean an Iar, nuair a spraidh beinn Phelee, ’s a mharbhadh cóig no deich mile fichead sluaigh leis na sruthan teinnteach ’s leis an deathach phuinnseanta a spùt a mach aisde. Bha earrann mhor de ’n eilean thorach so air a dheanamh na ’fhàsach luathach, agus baile iomlan air a thionndadh gu bhi na ’ghràinealachd léir-sgrios, làn de chlosaichean dhaoine marbha. Tha aobhar taingealachd againne tha deanamh ar còmhnuidh anns na dùthchannan tuathach so aig nach eil eòlas sam bith air crithean talmhainn no air beanntan teine. Beagan làithean mu ’n do chriochnaich a bhliadhna fhuair an saoghal fios air an ni bu chudthromaiche thachair ré a cuairt—ni airson am bi i ainmeil nuair bhios cogadh nam Boerach, crùnadh an Righ, agus sgrios Mhartinique a’ dol air diochuimhne. B’ e ’n sgeul sin gu ’n do shoirbhich le Marconi leis an innleachd a dhealbh e air-son fiosan a chur troimh ’n adhar thar fearainn is cuain air astar beag no mor. Gun teagamh b’ e so an ceum adhartais bu mhotha rinneadh le luchd-ealain an t-saoghail o chionn iomadh bliadhna—ceum a bhios a chum buannachd do shluagh gach dùthcha, ma ’s buannachd dhaibh a bhi comasach air fiosan a chur air ais ’s air adhart gun moran cosdais. An ceann beagan bhliadhnachan bidh e na ni cho cumanta do dhuine bhi faotainn “cogar-athair” á taobh thall an t-saoghail ’s a tha e ’n dràsda bhi faotainn litrichean. Dh’ fhaodte iomradh a thoirt air iomadh ni eile a thachair, ach b’ iad so bu mhotha thug aire dhaoine ré na bliadhna, agus ’s iad a’s dòcha bhi air an sgriobhadh gu domhain ann an leabhar-cuimhne na h-eachdraidh. Thug Tearlach Kingsley an seòladh a leanas do mhuinntir a tha deònach iad-fein a dheanamh mi-shona:—“Smaoinich ort fein, air na tha dhìth ort, air an urram bu chòir do dhaoine thoirt dhut, ’s air a bharail a th’ ac’ ort. A dh’ aon fhacal, suidhich do smaointean gu h-iomlan ort fein, agus an ùine ghearr bidh tu cho mi-shona ri aon neach a tha beò.” Naidheachdan. SIR WILFRID LAURIER—Tha Sir Wilfrid Laurier o chionn còrr is da mhios anns na Staidean air-son a shlàinte. Bha e ’n toiseach aig tobraichean teithe ann an Virginia, agus aig an àm so tha e ann am Florida. Bidh e tilleadh do Ottawa mu mheadhon a mhios. INNEAL ITEALAICH.—Thatar ag radh gu bheil an t-Olla Bell o chionn treis de dh’ ùine air ais a’ feuchainn ri inneal-itealaich a dheanamh. Tha e-fein ag aideachadh gu bheil sin fior, agus mar an ceudna gu robh tomhas math de shoirbheachadh leis. Cha’n eil luchd-ealain mar tha ’n t-Olla Bell fein idir gun dòchas gu ’n gabh innealan dealbh leis am faod daoine siubhal troimh ’n àile cho luath ’s cho tearuinte ’s a ni na h-eòin. A’ SIREADH FACAIL—Tha sgoilearan Beurla a’ feuchainn ri facal ùr a dhealbh a fhreagras air innleachd Mharconi. Tha cuid toileach Marconigram a dheanamh dheth, agus cuid eile ethergram. Anns a’ Ghàilig cha’n aithne dhuinn facal a b’ fhearr a dheanadh an gnothuch na “cogar-athair,”—a’ ciallachadh cogar a tha tighinn troimh ’n athar. Faodaidh e bhith gu ’m faighear facal a’s fhearr, ach gus am faigh, bidh “cogar athair” air ùisinneachadh le MAC-TALLA. CUISEAN BHENESUELA—Tha greim aig Breatunn ’s aig a’ Ghearmailt air puirt Bhenesuela fhathast. Thatar a’ bruidhinn air a chùis a chur fa chomhair cùirt réiteachaidh, ach ma nithear sin, feumaidh na Stàidean a dhol an urras air Bhenesuela, gu ’m pàidh i na chuirear mar fhiachaibh oirre leis a chùirt sin, ’s gu’n cum i an t-sìth. Tha “Creud an Rothaich” an impis fàs draghail do na Geancaich. Mur biodh Cleveland air a dhol cho fad air adhart leatha, cha bhiodh na Bhenesuelich cho dalma, ’s cha robh an aimhreit a th’ ann an diugh air eirigh idir. ONTARIO AN AGHAIDH AN OIL—Ged nach deach an latha leotha cho fior mhath ’s a bha iad ag iarraidh, tha luchd na stuaime an Ontario a’ meas gu’n d’ thug iad buaidh mhor air luchd an òil. Cha’n eilear fhathast cinnteach á dearbh àireamh nan bhòtaichean a chaidh a thoirt seachad air gach taobh, oir tha cuid de na h-àiteachan-bhòtaidh as nach d’ fhuaireadh fios dreuchdail. Ach a reir gach fios a fhuaireadh gu deireadh na seachduin s’a chaidh, bha 194,700 bhòt air-son cur as do mhalairt an óil, agus 101,234 na ’aghaidh. Nuair bheirear fa-near gu’n do chleachd luchd-reic an òil gach innleachd a bha na ’n comas air an taobh fein a neartachadh ’s an taobh eile lagachadh, tha na h-àireamhan so a’ nochdadh gu bheil a’ mhor chuid de shluagh Ontario air-son tur bhacadh a chur air deanamh is reic dibhe làidir. BRITHEAMH UR—Tha an t-Onorach Aonghas Mac-Gille-Bhràth air a dheanamh na Bhritheamh Siorrachd an Antigonish, an àite a’ Bhritheamh Mhic-Isaic, nach maireann. Tha Mr. Mac-Gille-bhràth o chionn àireamh bhliadhnachan na bhall de phàrlamaid Nobha Scotia. SGIORRADH MULADACH.—Thachair sgiorradh muladach aig Abhainn Inhabitants air an Di-luain mu dheireadh dhe ’n bhliadhna. Bha drochaid a bh’ air a togail le cuideachd an rathaid-iarainn ùir air a cur beagan bhar na stéidh leis an deigh ré na h-oidhche, agus a’ cheud inneal a dh’ fheuchadh ri thoirt thairis ’sa mhadainn, bhrist i fodha, ’s chaidh i do ghrunnd na h-aibhne. Fhuair na bha air bòrd as le ’m beatha ach aon duine, fear Carter, a mhuinnntir Oxford, N. S., a bha air a bhàthadh. CUNNARTAN A “GHAS”—Bha fear Alasdar Mac-Aoidh, a mhuinntir Cheap Mabou, air a mhùchadh le gas ann am Boston latha Nollaig. Bha e ’n tigh a mhic, air an robh e ’g amharc, agus nuair bha e dol a chadal, chuir e as an solus gun an gas a thionndadh dheth, agus bha e air a phuinnseanachadh leis re na h-oidhche.—Thainig am bàs air an dòigh cheudna air ministeir Methodach a mhuinntir Ghuysboro, an t-Urr. I. R. Sellers, ’s e ann am Philadelphia a’ coimhead a bhràthar. SGIORRADH UAMHASACH—Di-haoine, an 26mh latha de Desember, thachair sgiorradh uamhasach air an rathad-iaruinn aig Sarnia, Ontario. Bhuail da threin na ’cheile ’s iad a falbh aig an luaths, ’s bha iad air am bristeadh na ’n spealgan. Bha ochd air fhichead de ’n luchd-turuis air am marbhadh ’s còrr is da fhichead air an leònadh. Bha stoirm shneachd ann aig an àm ’s bha ’n iarmailt cho dorcha ’s nach bu léir do fhear na h-inneil ach astar gle bheag roimhe. Feumaidh e bhith gu ’n d’ rinn oifigeach air chor-eigin mearachd nuair chaidh da thréin a leigeadh an coinneamh a chéile air an dòigh ud. A’ MEUDACHADH A CHRIOCHAN—Tha Andra Carnegie an deigh oighreachd ùr a cheannach an Alba—earann de Phittencrief, anns am bheil Gleann Dhunfermlin. ’S anns a ghleann so a tha Tùr Dhunfermlin, an caisteal anns an do phòs Calum Ceann-mor a’ bhan-Phrionnsa Mairearad an deigh dhi tighinn air fògradh á Sasunn. Tha Carnegie ag radh gur masladh do dhuine bhi saibhir aig àm a bhàis, ach tha eagal oirnn, mur dean e cabhag, gu bheil am masladh sin a’ feitheamh air féin. Cha’n eil na tha e cosd ann an togail leabhragain ’s an ceannach òrgain, ged is mor e, a’ deanamh lughdachadh mor sam bith air a’ chuid earrais. DEICH BLIADHNA FICHEAD NA ’THOSD—Tha fear Jerry Miller a’ fuireach leis fein an cearn aonranach de Stàid Ohio nach do labhair ach gann facal o chionn deich bliadhna fichead. Nuair bha e na ’bhalachan òg ghabh ’athair air gu dona aon latha air-son coire eigin a bha esan ag radh nach d’ rinn e idir. Cha chreideadh ’athair e ’s thug e dha beagan a chòrr air-son e bhi, mar a shaoil leis-san, ag innse bréige. Ghabh Jerry a’ chùis cho dona ’s nach d’ fhuair ’athair no neach eile facal bruidhne as riamh tuilleadh. Tha deich bliadhna fichead air dhol seachad o’n uair sin, agus cha’n eil duine beò a chual e labhairt dusan facal ré na h-ùine sin. AFRICA MU DHEAS—Tha ’n t-Onarach Ioseph Chamberlain an deigh Africa mu Dheas a ruigheachd, agus tha e ’gabhail seallaidh air an duthaich ’s a’ feuchainn ri cùisean a shocrachadh eadar na Breatunnaich ’s na Boerich. Cha’n eil Morair Milner, duine fhuair a chàineadh gu guineach leis na Boerich, ri bhi air a charachadh as a dhreuchd: tha e na sheirbhiseach dileas do ’n chrùn, agus nochd e gliocas a tha toillteannach air deagh dhuais. Tha e gle choltach gu ’m bi na Boerich, a lion beagan is beagan, a’ fàs riaraichte le ’n crannchur fo riaghladh Bhreatuinn. Tha cuid dhiu air sin a nochdadh mar tha. Tha àireamh dhiu an deigh iad fein a thairgse mar shaighdearan gu dhol a chogadh air taobh Bhreatuinn ann an Somaliland, far am bheil ceann-feadhna Arabaianach a deanamh ceannairc na ’h-aghaidh. Ghabh Breatunn an tairgse gu toileach, oir ni na Boerich deagh luchd-cogaidh, mar a fhuair i mach nuair bha iad an ar-a-mach na ’h-aghaidh. [TD 107] [Vol. 11. No. 14. p. 3] POSADH DHOMHUILL AN FHIDHLEIR. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. O CHIONN àireamh mhor bhliadhnachan bha duine còir a còmhnuidh ri taobh Loch an Tuirc, an cearn àraidh dhe ’n Ghàidhealtachd, do ’m b’ ainm Coinneach fìdhleir. Bha e na ’dhuine glic, deanadach, ’s bha mar sin an saoghal a dol leis glé mhath, a réir mar a bha sin air a chùnntais na ’latha ’s na ’linn. Bha stiall mhath fearainn aige, ’s crodh agus caoraich air uachdar, ach cha robh aige de theaghlach ach aon mhac, air an dug e fhéin ’sa bhean, an déigh moran seanachais agus barrachd smaointean, Maol-dònaich mar ainm. An uair a thàinig Maol-dònaich gu aois reusain bha e soilleir ri fhaicinn nach fhàgadh e lorg gu bràth an gaineamh na tìme troimh thùr no tuigse, oir thaisbean e, mo thruaighe, gu math òg, nach robh air thuar a bhith aige ach sradag gu math faoin dhe na buadhan sin. Bha e fuathasach diochuimhneach, oir bha e na ’fhacal ’san àite fad iomadh latha, na ’n tachradh do dh’ aon mearachd sam bith a dheanamh a thaobh diochuimhn, “tha thu cho dona ri Domhull an fhìdhleir.” Cha ruigeadh a phàrantan a leas cadal sam bith a chall a taghadh ainme dha nach biodh cumanta, oir an uair a dh’ fhàs Maol-dònaich mor gu leor agus làidir gus ainm fhein a ghiùlan, cha deach e fada air slighe cheòthmhor a bheatha ’n uair a chaill e gu buileach e, oir cha bhiodh cuimhn’ aige tiotadh air an ainm iongantach sin. Bha ’phàrantan a gabhail fadachd gu leòr gus am biodh e cho sean ’s gu ’m faodte chur do ’n sgoil, feuch an rachadh aig an t-seann mhaighstir-sgoile, Murachadh saighdear, air beagan ùirneis a chur na ’sheòmraichean uachdrach, a dh’ fhàg nàdar cho falamh. Thàinig an latha mor mu dheireadh, ’s chaidh fhaighinn deiseil gu math moch. “A nis, a luaidh,” arsa Catriona mhór, a mhàthair, ’s an dealachadh, “ma dh’ fhaighnicheas seann Mhurachadh saighdear dhiot dé d’ ainm abair gu bheil Maol-dònaich, ainm do sheanar, duine bha gu math na b’ fhearr na esan, ’s iad ag ràdh gu ’m bi e ceasnachadh nan sgoilearan, a feòrach mu gach ni a bhitheas a dol air aghart na ’n dachaidhean air son innse do bhantrach ruadh an tàillear, ’s i ’n impis a dhol as a rian m’a dhéidhinn seann—chas-mhaide gun bhuaidh, ’s gun an tàillear fuar fhathast an cìll a chlachain!” Am mach a ghabh Maol-dònaich gu h-umhail, ’sa h-uile facal dhe so aige na rann ga ’ghabhail roimhe, ach suas gu dorus an taigh-sgoile bhuail òrdag ann an cloich ’s thuit e, ’s an uair a dh’ éirich e cha robh bìdeag dhe ainm fhéin aige, ged a bha h-uile facal eile aige. (B’ ann ’sa mhionaid sin a thug e Domhull air fhéin, ainm a lean ris fhad ’s bu bheò e.) An uair a ràinig e ’m maighstir-sgoile, co bha còmhla ris ach bantrach an tàillear, ’s e sgrìobhadh litreach dhi. Ghabh Domhull an fhìdhleir suas gun nàire, gun athadh, agus sheas e eatorra. “Seadh, a bhalaich ghlogaich!” arsa Murachadh, “co leis thusa, agus dé d’ ainm?” “Thuirt mo mhàthair rium innse dhut gu bheil Domhull, ainm mo sheanar, duine bha gu math na b’ fhearr na thusa, ’s iad ag ràdh gu ’m bi thu ceasnachadh nan sgoilearan, a feòrach mu gach ni a bhios a dol air adhart na ’n dachaidhean, gus innse do bhantrach ruadh an tàillear, ’s i ’n impis a dhol as a rian mu sheann chas-mhaide gun bhuaidh, ’s gun an tàillear fuar an cìll a chlachain fhathast!” Cha do chum Domhull uiread so còmhla air chuimhne riamh roimhe no na dhéigh, ’s leis an ioghnadh cha duirt duine guth gus an robh e réidh. Dh’ éirich an sin am maighstir-sgoile ’s chaidh e gu bragadaich, ach bha sin caoin-shuarach le Domhull, oir aig an àm ciod a chunnaic e ach am miaran dearrsach buidhe ’bh’ air cas-mhaide Mhurachaidh, agus le iollach thoilichte thug e tàrradh air son an rud briagha fhaighinn, ionnsuidh a chuir am maighstir-sgoile bochd air a dhruim-dìreach mu choinneamh na bantraich ’s nan sgoileirean. Mar a bha e fàs suas b’ ann a’ sior fhàs diochuimhneach a bha e. Air aon latha chur athair e do ’n bheinn a dh’ iarraidh na caora Nollaig, ach an uair a ràinig e cha robh cuimhne aige dé bha bhuaithe, ach o’n a bha taod aige smaointich e gur e eallach fraoich a bha dhìth air, rud leis ’n do ràinig e dhachaidh, ’s a’ mheòirean air an gearradh, ’san anamoch. Cha robh car air thalamh a b’ fhearr le Domhull an fhìdhleir a bhi deanamh na bhi ’ruith choineineach, creutairean a bha gu math pailt ’san àite. Agus ged nach cualas gu ’n do rug e air aon riamh, chìteadh e gach feasgar, le ’fhalt fada bàn m’a ghuaillean ’s iolach ait na ’bheul, ga ’n ruagadh mu chuairt nan creag. Ach cha mhaireadh so gu bràth. Thàinig an t-àm an do thuit cùram an taighe air Domhull; oir aig aois chóig bliadhna fichead chaill e ’athair, ’s dh’ fhàgadh e fhéin ’s a mhàthair, boirionnach còir, socharach, na ’n aonar. Bha iad aon oidhche ’stigh aig a ghealbhan mar bu ghnàth, mu mhios roimh Bhliadhn’ Uir—Domhull air a thiodhlacadh ann an sliseagan, far an robh e feuchainn ri fearsaid a dheanamh dha ’mhàthair, ach bhiodh a h-uile té ro mhor no ro bheag, ’s mu ’m faigheadh e iad ’sa chumadh bu mhiann leis theirigeadh iad. Bha ’mhàthair ’s an càrdadh na ’thàmh air a glùin, rud a bha nochdadh mar-ris an t-suil a bheireadh i ’n dràsda ’sa rithist air a mac gu ’n robh ni àraidh a nochd air a h-inntinn. “A Dhomhuill, a luaidh,” ars’ ise, “tha ’n t-àm agad pòsadh. Cha bhi mise fad’ agad. Ach ma bhios tu fhéin sgiobalta bidh bean agad fhathast mu ’n teid a Bhliadhn’ Ur seachad. Tha Màiri Nèill bhàin na ’caileig mhodhail; agus dh’ innis a màthair dhomh an diùrais, a tighinn as a chlachan an là roimhe, gu ’m faigh i ’bhó ghlas ’s a laogh mar thochradh an uair a phòsas i.” “Ceart gu leòr, a mhàthair,” arsa Domhull, ’s e cur pios maide ri ’shùil; “an teid mi ga ’h-iarraidh a nochd?” “Theid thu ann feasgar am màireach. Agus o’n a gheall mi-fhìn an coileach dubh, fear dhe ’n phòr ùr, dh’ a màthair, bheir thu leat e, ’s ni thu mar sin an da ghnothuch.” “Ach, a mhàthair,” arsa Domhull, ’s e tachas a chinn, “cha do phòs mise riamh, ’s cha ’n ’eil fios agam ciamar a dh’ iarras mi Màiri.” “Tut, a chladhaire!” ars’ a mhàthair, “cha do dh’ irrr d’ athair mise riamh, cho fad ’s is cuimhneach leam. Shuidh e dìreach ri m’ thaobh, ’s chuir e ’làmh mu chuairt orm, ’s bha sin a nochdadh gu ’n robh ni bhuaithe na b’ fhearr na briathran sam bith.” Mar sin air an ath fheasgar ghabh Domhull an fhìdhleir an t-slighe le ceum sunndach a dh’ iarraidh Màiri Nèill bhàin, ’s an coileach aige gu clùthmhor fo ’chòta na achlais, àite fhuair an t-ian cho còsail ’s gu ’n do chaidil e, ’s mu ’n robh e leitheach slighe cha robh cuimhn’ aig Domhull gu ’n robh leithid idir air a shiubhal. An uair a chaidh e stigh do thigh Nèill bhàin bha ’n crùisgein gun lasadh, ’s cha bu léir dha duine no ni, ach ar leis gu ’m fac’ e troimh ’n duibhre nighean a ghaoil air ceann na beinge. Ghabh e suas gu sàmhach ’sa suidhe ri ’taobh, chuir e ’làmh m’a meadhain agus thug e ’m fàsgadh ud oirre, ach gu mi-fhortanach bha ’n coileach eatorra, ’s an uair a fhuair e ’bheatha ga ’fhàsgadh as, leig e sgriach uamhalta, mhi-nàdarra, a thug air a chaileig a ghlac Domhull sgriach eile ’leigeil am mach nach robh dad na bu taitniche, agus thug i ’n dorus oirre. A nis, co bha so ach té bhiodh a deanamh a beòlaind air siubhal nan taighean, a bha aig an àm a rug Domhull oirre a tuiteam na cadal, ’s tha iad ag ràdh nach fhacas i ’n taobh ud gu bràth tuilleadh. Co dhiu chaidh Màiri a ghealltainn do Dhomhull an fhìdhleir le ’h-athair ’s le ’màthair, gun i fhéin fhoighneachd, mar a bhathar a deanamh gu tric ’san àm, oir bha crodh agus caoirich aig Domhull, a dheanadh suas, bha iad a smaointean, air son na bha ga ’dhìth de thùr. A nis, bha leannan eile aig Màiri do ’m b’ ainm Callum bàn, aig nach robh spréidh cho pailt, ’s mar sin cha robh math dha e fhéin a nochdadh aig dorus Nèill, oir cha robh air a thaobh ach Màiri fhéin agus Iain beag a bràthair. B’ ann mar sin gu tùrsach a leig Callum bàn a rùin ri Iain beag, an uair a chaidh an naidheachd m’a sgaoil gu ’n robh e dol a chall Màiri, ’s gu ’n robh amadan air thuar a bheatadh. “Fàg thusa ’n gnothuch na ’m lamhansa,” ars’ Iain beag, “agus ma tha thu air son Màiri a bhi agad bi air chùl na creige móire ri taobh na h-eaglais latha ’phòsaidh.” Gle thoilichte dh’ fhàg Callum gach ni na ’lamhan, oir bha earbsa mhor aig’ as, agus chaidh e dhachaidh. B’ e cheud char a rinn Iain beag a dhol far an robh Anna nan cearc, nighean a bha fuireach na ’h-aonar o’n a dh’ eug a màthair, ’s nach robh idir cho òg ’sa bha i aon uair. Bha diùrais fhada dhiomhair eatorra, air nach ruig sinn a leas tighinn thairis, ach b’ e na briathran a thuirt Iain beag ’san dealachadh, “Cuimhnich a nis, Anna, gu ’m bi do shùil am mach far na dh’ iarr mi ort, oir tha Domhull an fhìdhleir air mionnachadh gu ’m bi bean aige latha na Bliadhn’ Uire, ’s ma ni thu mar a dh’ iarr mi ort bidh cruit Loch an Tuirc agad fhathast ’s na bheil air uachdar. Mar tha fios agad fhéin tha Maighstir Tormad air fàs leith-bhodhar agus ’s fhad o bha e leith-dhall.” “Air m’ fhacal, Iain, bu tu fhéin an gille! Na biodh cùram ort nach dean mise mo dhichioll, oir tha mi sgìth dhe ’n toll so,” ars’ Anna, ’s i toirt sùil air a bhothan os a cionn. Air an latha mu dheireadh dhe ’n bhliadhna bha còmhlan beag, agus pàirt diubh aighearach, cruinn ’san eaglais, far an robh Domhull an fhìdhleir agus Màiri Nèill bhàin a dol a thionndadh o bhith na ’n dithis gu bhith na ’n aon. Dh’ fhàgadh gach ni an lamhan Iain bhig, agus ’s e bu choireach am pòsadh a bhith ’n eaglais a chlachain. An oidhche roimhe sin bha e ùine mhor an cuideachd Dhomhuill an fhìdhleir, ’s fad na h-ùine cha do rinn e car ach a bruidhinn mu choineinan, gus mu dheireadh ’nuair a dh’ fhàg e cha robh sian an ceann Dhomhuill ach na creutairean stubach sin, ’s bha e tairgse do dh’ Iain beag rud sam bith air son nan tri peatachan a bh’ aige fhéin. An uair a thainig àm a phòsaidh cha robh sealladh air Iain beag, oir bha e falach ri taobh dorus na h-eaglais ’s na peataichean aige ann am poca. Bha sgioba a phòsaidh ’san aghaidhean air an dorus fhosgailte, ’s ceann Dhomhuill an fhìdhleir os an cionn. An uair a bha ’n gnothuch a tòiseachadh leig Iain air falbh coinean seachad dorus na h-eaglais, ’s chunnaic e Domhull a toirt goradh, as ach cha do ghluais e. Leig e air falbh na dha eile, ’s am mach a leum Domhull an fhìdhleir ag éigheach, “Coinnich iad! coinnich iad!” ’s chaidh e á sealladh, mu ’n robh fios aig càch dé thachair, oir cha ’n fhac’ iad ni. Am [TD 108] [Vol. 11. No. 14. p. 4] mach a ghabh iad air tòir fear na bainnse, a fàgail an t-seann phears’-eaglais agus Màiri na ’n aonar. Ann an tiotadh bha Callum bàn agus Iain beag a stigh, ’s an ceann dheich mionaidean bha na leannain air am pòsadh cho daingeann ri dithis. Aig a cheart àm, air toirt thairis, ’s na cheò na bu mhotha na bha e riamh, bha Domhull an fhìdhleir na sheasamh ’s gun sealladh aige air na coineinaich. Sùil do ’n dug e co chunnaic e nuas uige ach Anna nan cearc. An àm dhith bhi dol seachad thàinig droch thuainealaich na ’ceann, ’s mur biodh Domhull air breith oirre bha i air tuiteam aig a chasan. Bha e mar so, ’s greim aig’ oirre gu teann, cruaidh, ’n uair a thàinig a chuideachd a bha ga ’shireadh, agus na ’m measg bha Niall bàn fhéin. “Tut, a Dhomhuill,” ars’ Anna, an uair a bha iad gu bhi aca, air chor ’s gu ’n cluinneadh iad i, ’s i nis gu làidir, “na bi ga m’ fhàsgadh cho làidir; pòsaidh mis’ thu gun teagamh, ma gheibh mi le m’ bheatha as do lamhan!” “An creid mi mo shùilean ’s mo chluasan!” arsa Niall bàn gu crosda; “an e gu ’n do dh’ iarr thu air Anna do phòsadh ’s mo nigheansa fhàgail ’san eaglais?” “Tha mi coingeis!” arsa Domhull, ’s e sealltainn mu ’n cuairt, mar gu ’m biodh e air dùsgadh. “Ach am faca sibh sealladh air na coineinaich?” Cha robh ’n còrr ri ràdh. Fhuair Anna nan cearc do ’n eaglais e, ’s an dorus a dhùnadh, ’s mu ’n do dh’ fhosgladh e bha snaim eile air a cheangal nach fuasgladh fiacail. Mar so bha bean aig Domhull an fhìdhleir air latha na Bliadhn’ Uire an déis a h-uile rud. LITIR A FRAMBOISE. BLIADHNA mhath ùr dhut, a charaid, ’s do uile luchd-leughaidh MHIC-TALLA! agus ma ’s math a tha sibh gu ma seachd fearr a bhitheas! Is fhada bho nach fhaca sinn mios deireannach bliadhna cho stoirmeil, fuar ris a mhios so ’dh’ fhalbh; ach ’s ann acasan a bha air cuan a bha faireachadh air cho ro stoirmeil ’sa bha i. Saoilidh mi fhéin, fhad ’s a bhios mo chas air tir, nach còir dhomh a bhi ri gearain, ged a bheireadh an reothadh dathadh air bharraibh mo chluasan ’s ged a chuireadh e rughadh am bàrr mo shròine eadar an sabhal ’s an taigh. Ach “’S beag a shaoileas fear aig baile, Ga ’gharadh ri éibhlean, Gu ’m bheil seoladair na mara ’Toirt a bheatha ’n éiginn.” Bha rathaidean sleighe againn cho math ’sa dh’ iarramaid fad da sheachduin, agus gu dearbh ’s iomadh duine a ghabh an cothrom orra; ach thug aiteamh na seachduin s’a chaidh air falbh an sneachda gu buileach, ’s tha ’n làr a nise cho lom ’sa bha e riamh. Is mor an tanachadh a tha ri fhaicinn air na siantan anns a chearna so seach mar a bha ri ’r ceud chuimhne. Aig an àm a bha ’n sin bhiodh cunntas throidhean de shneachda air làr mu Nollaig agus mhaireadh e mar bu trice gus a cheud mhios dhe ’n t-samhradh. Ach o chionn chùnntas bhliadhnaichean ged a thuiteas beagan sneachda tha ’n aiteamh na ’lorg ’s cha mhair e ach ùine ghoirid. Cha ’n ’eil teagamh nach biodh e na b’ fhearr do ’n talamh còmhdach math sneachda bhi air fad dùbhlachd a gheamhraidh, a chumadh blàths is dion bho ’n reothadh air. Ach ’s cinnteach gur còir dhuinn a bhi umhail do gach dòigh is atharrachadh sìde a dh’ fhaodas am Freasdal a chur oirnn; agus gu ’n tugadhmaid fainear a chumhachd ’s a ghliocais anns na siantan cho math ri dòighean eile anns am faod e bhi ga ’fhoillseachadh fein. Bha soitheach a stigh ann am Fourchie air an t-seachduin s’a chaidh le luchd barra á Eilean a’ Phrionnsa. Bha i reic coirce aig 45c. am buiseal; buntàta aig 38c.; tuirneip aig 25c.; currain is beets aig 25c. Cha d’ fhuair sinn moran uaipe, a chionn bha bàrr math feadh na dùthcha air an fhoghar, ’s mar sin bha aig an roinn bu mhotha am fóghnachdainn iad féin. Ach air a shon sin faodaidh gaiseadh tighinn oirnn a rithist, ’s bu mhath leinn soithichean dhe ’n t-seorsa ud a bhi taghal oirnn. “Ach am bheil thu cluinntinn guth air an railroad?” “Cha ’n ’eil gabadh.” ’S e sid toiseach gach còmhraidh aig gach bodach na ’r measg. Agus gu dearbh bha mi fhein an dùil mu ’n àm so ’n uiridh gu ’m biodh e ga ’thogail seachad sios gu Sidni no Louisburg. Ach o’n a tha e air a thogail cho fad ri St. Peter’s cha ’n ’eil teagamh gu ’n criochnaich e ’n sin. ’S e barail choitchionn am measg dhaoine gu ’m bi cùisean mu thimchioll air an cur air dòigh aig cruinneachadh na pàrlamaid, ’s mar sin gu ’m bi e air a chur troimhe air an t-samhradh s’a tighinn. Tha ’n t-àrd luchd-riaghlaidh againn an drasda a togail telegraph line—cha ’n aithne dhomh Gàidhlig a chur dhuibh air an fhacal ud—eadar St. Peter’s agus Louisburg. Tha iad a leantuinn rathad a chladaich leatha. Tha iad an dùil i bhi deiseil aca air an t-samhradh s’a tighinn. Bha iad an dùil gu ’m faigheadh iad na puist ri cheannach troimh ’n dùthaich, ach cha robh iad a tairgse air an son na bha sinn a smaoineachadh a phàigheadh sinn an cur air an làraich dhaibh, ’s cha ’n ’eil teagamh nach toir iad á àiteachan eile le soithichean na bhios a dhìth oirre dhiubh. Tha ’n telegraph fhéin na ni tha glé iongantach, ach is e ’n wireless telegraphy an ni is fior iongantaiche air fad. Bha mi an oidhche roimhe a leughadh mu Mharconi ’s mu ’innleachd, nuair a dh’ fhoighneachd Seònaid mo bhean dhiom—“Seadh,” ars’ ise, “am bheil dad ùr ’sa phaipear an nochd?” “Mata, a bhean,” arsa mise, “tha mi faicinn aon rud a tha cur mor ioghnadh orm, agus ’s e sin gu ’m bheil duin’ òg a mhuinntir na h-Eadailt an dràsda an Ceap Breatunn, agus theid aige air bruidhinn ri duine anns an t-seann dùthaich, agus cha ’n e sin a mhàin, ach gun aona chuid de wire no de shreang aige eadar an da àite na chrochadh an crùisgein dhut ri faradh nan cearc no ’phoit bheag ris a chromaig.” Ach, a bhobag, leig i as a chuigeal, is sheall i eadar an da shùil orm, mar gu ’m biodh i an teagamh an robh no nach robh mi da-rireadh. “Am bheil thu fhein a creidsinn a leithid sin?” ars’ ise. “Tha mi ann an tomhas mor ga ’chreidsinn,” arsa mi fhein, “a chionn tha mi tuigsinn gu ’m bheil an dearbh ni anns a’ phaipeir aig Seumas. Agus mur do mheall mo bharail mi, bha MAC-TALLA fhéin ag ràdh gu ’n robh a leithid a dhuin’ ann; ’s tha thu fhein a cumail am mach nach do dh’ innis MAC-TALLA breug riamh.” “Tha thu fhein is MAC-TALLA ’s a h-uile mac màthar agaibh,” ars’ ise, “coltach ri ’cheile. An rud a thàrmaicheas na ’r ceann cha chuir an saoghal fhein as e. Am bheil thu fhein an dùil gu ’n creid mise gu ’n seas fear air cnoc ann an Ceap Breatunn, ’s ged a chuireadh e pluic air fhein uiread ris a bhucaid uaine, gu ’n cluinn Marsaili bhàin ann an Steòrnabhaigh, no Domhnull òg mo bhràthair ann am Pabaidh e? Nonsans ort! cha chluinn. Mo mhearachd, a sheòid, gu ’n toir e làn mo sgamhain dhomh gu ’n cluinn thu fhéin mi ’g éigheach ort dhachaidh á pàirce nead a chlamhain, ’s tha mi smaoineachadh gu ’m bheil mo ghuth fhathast a cheart cho sgallanta ri guth aona mhac bodaich Eadailteach a ghabhas faotainn.” “’S ann agam tha brath air mo chosg,” arsa mise rium fhein. Ach cha dubhairt mi an corr mu Mharconi ri Seònaid, agus bha sin cho math. CEANN LIATH. Latha na Bliadhn’ Uire, 1903. A’ GHAIDHLIG: A H-EACHDRAIDH AGUS A LITREACHAS. (Air a leantuinn). THA ’m focal Greigis chortòs a ciallachadh àite air a dhùnadh (enclosed place). Comh-chordadh ris an fhocal so tha againn anns an Laidinn hortus (lios), agus anns a’ Ghaidhlig gort no gart, focal ris an coinnich sinn gu tric ann an ainmibh àiteachan, agus a ta againn mar an ceudna anns an fhocal gortan, achadh beag, Tha na focail garden agus yard anns a’ Bheurla càirdeach do ’n fhocal so. Tha ’m focal cheima a’ ciallachadh anns a’ Greigis geamhradh, reodhadh, fuachd. Comhchordadh ris na focail sin tha ’m focail Laidinn hiems, agus an seann-focal Gaidhlig geamh o ’m bheil geamhradh a’ teachd, mar a ta samhradh o ’n t-seann-focal sàmh. Tha chairo a’ ciallachadh bhi deanamh aoibhneas, agus comh-chordadh ris tha ’m focal gairdeachas. Chomh-chordadh ri gignomai o ’n fhreimh gen, tha gigno anns an Laidinn agus gin anns a’ Ghaidhlig, agus faodar a thabhairt fainear gu ’m bheil gin ni ’s faisge air an t-seann fhreimh na aon chuìd gignomai no gigno. Tha ’n t-seann fhreimh againn an egenomen anns a’ Ghréigis agus ann an rogensam, anns an t-seann Ghaidhlig. Comh-chordadh ris an fhocal Ghreigis tegos, mar an ceudna stegos (còmhdach air son tighe), tha tectum o ’n fhocal tego anns an Laidinn, agus tigh agus teach anns a’ Ghaidhlig. Comh-chordadh ri dakru anns a’ Ghreigis tha lacryma anns an Laidinn (l air a cur air son d cosmhuil ri lingua agus dingua, teangadh) agus deur anns a’ Ghaidhlig, comh-chordadh ri dakru anns a’ Ghréigis. Comh-Chordadh ri kurios anns a’ Ghreigis tha curaidh anns a Ghaidhlig. Comh-chordadh ri krites anns a Ghreigis tha ceart anns a’ Ghaidhlig. Comh-chordadh ri olena anns a’ Ghreigis, tha ulna anns an Laidinn, agus uileann anns a’ Ghaidhlig. Comh-chordadh ri klino anns a’ Ghreigis tha clino anns an Laidinn agus claon anns a’ Ghaidhlig. Comh-chordadh ri kuon, kunos, tha canais anns an Laidinn, agus cu, con, anns a Ghaidhlig. O na focail sin, agus o iomadh focal eile a dh’ fhaodainn a chur fo ’r comhair, chithear gu ’m bheil dàimh dhlù eadar a’ Ghaidhlig agus a’ Ghréigis agus an Laidinn, o ’m bheil e soilleir gu ’m buin iad do ’n aon teaghlach. Nan ceadaicheadh ùine dh’ fhaodainn dol air aghaidh a nis gu bhi a’ nochdadh a’ chàirdeis a ta eadar a’ Ghaidhlig agus cuid eile de na cainntibh a bhuineas do ’n teaghlach Indo-Europeanach, mar a ta na cainntibh Gearmailteach (the Germanic); ach do bhrìgh agus nach ceadaich an ùine sin domh, is ann a labhras mi beagain—ni ’s lugha gu mòr na bha mi aon uair a’ rùnachadh a bhi labhairt—a nis anns an dara àite, mu na meuraibh anns am bheil an t-seann chainnt Ghaidhealach air a roinn. Tha sèa càinntean air teachd a mach o fhreimh na seann Ghàidhlig, agus faodar iad sin a roinn ’n an dà theaghlach a tha gu mòr ag eadar-dhealachadh o chéile, ged tha e soilleir gu ’m bheil iad o ’n aon stoc. Do aon de na teaghlaichibh sin buinidh a’ chainnt Bhreatanach, no a’ chainnt a ta air a labhairt ann an Wales; an Armoric a ta air a labhairt le aireamh mhòr anns an earann sin [TD 109] [Vol. 11. No. 14. p. 5] de ’n Fhraing ris an abrar Brittany, agus a’ chainnt a bha aon uair air a labhairt ann an Cornwall, ach a ta nise r’ a faighinn a mhàin ann an leabhraichibh, agus cha ’n ’eil iad sin lionmhor. Do ’n teaghlach eile buinidh a’ Ghaidhlig Albannach, a’ Ghaidhlig Eireannach, agus a’ Ghaidhlig Mhanainneach. Cha ’n e a mhain gu ’m bheil na càinntean a’ comh-chordadh r’ a chéile ann am mòran de ’n cuid fhocal, ach tha iad a’ comh-chordadh anns an dòigh no rian anns am bheil am focail a’ leantainn a chéile, agus a’ riaghladh no ’g atharrachadh a chéile, an uair a ta iad air an cur cuideachd ann an sgrìobhadh, no ann an labhairt; agus ged a tha iad ag eadar-dhealachadh o chéile ann an dòigh fuaimneachadh nam focal, gidheadh, eadhon anns an ni sin féin tha mòran comh-chordaidh eatorra. ’Nuair a chluinneas tu a’ chainnt Bhreatannach air a labhairt no air a leughadh, is gann gu ’n tuig thu focal di, ach an uair a rannsaicheas tu na focail, agus an dòigh anns am bheil iad air an cur an alltaibh a cheil, agus anns am bheil na litrichean air an atharrachadh an uair a ta na focail air an cur an taic a chéile ann an sgriobhadh no ann an labhairt, chi thu gu soilleir an dlù-dhàimh a ta eadar a’ chàinnt sin agus do chàinnt féin. Chi sinn cho faisg agus tha focail na cainnt Bhreatannaich air focail na cainnt againn féin, agus aig an àm cheudna an t-eadar-dhealachadh a ta eatorra, an uair a choimhmeasas sinn r’ a chéile na focail a leanas: Bardd agus bard; blynedd agus bliadhna; bon agus bun; bywyd agus beatha; byd agus bith; bychan agus beagan; caer (cadar) agus cathair; cad agus cath; camm agus cam; cam agus ceum; ci agus cu; cladd agus cladh; cloch agus clog; cogail agus cuigeal; coll agus call; chwaer agus piuthar, no siuar; chwerw agus searbh; chwant agus sannt (chw airson s); dall agus dall; du agus dubh; dwrn agus dorn; dwfn agus domhain; dant agus deud (n air a gleidheadh—cant—ceud); gwr, gwyr, agus fear, fir; gwyl agus feill; gwyr agus fiar; gwir agus fìor; gwin agus fion; halen agus salainn (h agus s); hanes agus sanas; hesp agus seasg; hun agus suain; llafar agus labhar (loud); llain agus lann; llam agus leum; llaw agus làmh; llawn agus làn; lléu agus leugh; llo agus laogh; Mab, map, agus mac (c agus p); pen agus ceann; plant agus clann; pren agus crann; pedwar agus ceathair; pimp agus cuig; rhann agus rann; rhin agus rùn; rhyn agus ruinn; syllw agus sealladh; tant agus teud; oen agus uan; ydlan agus iodhlan; ymmyl agus iomal; ynys agus inis; ystret agus streath; mawr agus mòr; dyn, dynwn, agus duine, daoine. O chuid de na focail a dh’ ainmich mi faodar ’fhaicinn gu’m bheil a’ chainnt Bhreatannach ann an iomadh de ’focail, mar tha dant, cant, tant, ni ’s faisge air an Laidinn na a’ Ghaidhlig Albannach. Ach ’s e a’ Ghaidhlig Eireannach agus a Ghaidhlig Mhanainneach a’s faisge gu mòr do ’n Ghaidhlig Albannaich; agus tha iad sin cho faisg di ’s gu ’m faodar a ràdh nach ’eil annta, da rìreadh, ach an aon chàinnt, ged nach ’eil e furasd do ’n Albannach an t-Eirannach a thuigsinn a’ labhairt na Gaidhlig. Tha nithe, gun teagamh, anns am bheil a chainnt Albannach agus a chainnt Eireannach ag eadar dhealachadh. Tha a’ chainnt Eireannach a cur an ceill ni a tathar a’ deanamh anns an àm a ta làthair le aon fhocal, ach tha a’ Ghaidhlig Albannach agus a Ghaidhlig Bhreatannach, co-ionnan ris an Eabhra, gu ’n chomas sin a dheanamh. Anns na cainntibh sin tha am focal a ta nochdadh an ama a ta ri teachd gu tric a’ seasamh àite an fhocail a ta nochdadh an ama a ta lathair (present tense). (Illustration—An ti a chreideas). Agus tha na nithe sin, agus nithe eile anns am bheil a’ Ghaidhlig agus a’ Ghaidhlig Bhreatannach a’ comh-chordadh ris an Eabhra nach ’eil do ’n aon teaghlach riu, a’ dol ceum a chum bhi a’ dearbhadh na fìrinn a ta air a foillseachadh ann am focal Dé, gu’n d’ rinn Dia do aon fhuil uile chinnich dhaoine,” agus is taitneach gu cinnteach ’n uair a ta na comh-dhùnaidhean gus am bheil daoine foghluimte, mar a ta Max Muller, troimh bhi a’ coimhmeas ri chéile chainnte a’ chinneadh-dhaoine, agus teisteas focail Dé, a’ comh-chordadh ri ’chéile. Ach ged tha a’ Ghàidhlig Albannach agus a’ Ghaidhlig Eireannach ag eadar-dhealachadh, mar thug mi fainear, ann an cuid do nithibh, tha iad, da rìreadh, cho faisg air a chéile ’n am focail agus ’n an rianaibh gramaireal, ’s gu ’m faod neach air bith a leughas agus a thuigeas an aon cháinnt, a’ chainnt eile a leughadh agus a thuigsinn mar an ceudna, ged, theagamh, nach téid aige air na focail fhuaimneachadh gu cothromach anns a’ chainnt nach do chleachd e bhi labhairt. Leughaidh mi nise dhuibh beagan do’n Ghaidhlig Eireannach, air tùs, cho faisg agus a’s urrainn domh air an dòigh anns an bheil i air a leughadh le na Eireannaich féin, agus a rìs anns ann an dòigh anns an léigh sinn ar cainnt féin, a chum agus gu ’m faic sibh cho faisg agus a ta iad air a chéile, agus, aig an àm cheudna, mar a ta iad ag eadar-dhealachadh ’n am fuaimibh. Cha d’ fhàg mi domh féin mòran ùine a chum bhi a’ labhairt, a nis anns an treas àite mu chuid do na leabhraichibh a chaidh sgrìobhadh ann ar cainnt féìn, ach feumaidh mi mu ’n co-dhùn mi beagan a labhairt mu ’n déighinn. Cluinnear muinntir gu tric ag ràdh nach deachaidh mòran a sgrìobhadh anns a’ Ghaidhlig, agus ma ta iad a’ ciallachadh nach deachaidh ach beag a sgrìobhadh anns a’ Ghaidhlig ann an coimhmeas ris na chaidh sgrìobhadh anns a Bheurla, agus ann an iomadh càinnt eile, aidichidh sinn gu ’m bheil iad ceart; ach their sinn aig an àm cheudna, gu ’m bheil sgrìobhaidhean anns a’ Ghaidhlig nach leigear air dhì-chuimhne am feadh ’s a mhaireas an saoghal, agus tha iad ni ’s lionmhoire na tha iomadh am barail, ged nach urrainn domh labhairt aig an àm ann am farsuingeachd mu ’n déighinn. Is e an ceud leabhar a bha riamh air a chur a mach anns a’ Ghaidhlig “Foirmna Nurrnuidheadh,” no “Knox’s Liturgy,” dh’ eadar-theangaichteadh leis an Easbuig Carsuel. Bha ’n leabhar so air a chur an clò ’s a’ bliadhna 1567, dà cheud bliadhna mu ’n deachaidh an Tiomnadh Nuadh a chur a mach ’s a’ Ghaidhlig Albannaich. Tha ’n leabhar so a nis ro-ainneamh r’ a fhaotainn. Tha aon diu ann an leabhar-lann Diuc Earraghaidheil, agus cha ’n ’eil cunntas air aon eile dhiubh air nach ’eil easbhuidh. B’ e Leabhar Cheist Chalbhin, a reir coslais, an dara leabhar a chuireadh a mach ’s a’ Ghaidhlig. Tha ’n leabhar, mar an ceudna, ro-ainneamh. Bha e air a chlò-bhualadh ’s a’ bhliadhna 1631. Anns an leabhar so, maille ri Leabhar-Cheist Chalbhin, tha cuig sean laoidhean: Faosaid Iain Steuairt, Tighearn na h-Apainn, agus feadhainn eile. B’ e ’n treas leabhar a chuireadh a mach anns a Ghaidhlig, cho fada a’s fiosrach sinn, “An ceud Chaogad do Shalmaibh Dhaibhaidh” air an tarruing as an Eabhra, “Am meadar Dhana Gaidhlig, le Seanadh Earraghaidheil.” Chuireadh an Leabhar so an clò ’s a’ bhliadhna 1659. Tha e nis fìor ainneamh, ni air am bheil deadh fhios aig cuid de na Leabhar-reiceadairean. B’e ’n ceathramh leabhar, a réir coslais, “Salma Dhaibhidh a nmeadrochd, le Mr. Raibeard Kirke, Minisdir Soisgeil Chriosd aig Balbhuidir (Balquhidder).” Chlo-bhualadh an leabhar so ’s a’ bhliadhna 1684, agus tha e mar an ceudna ainneamh r’a fhaotainn, ged is aithne dhomh mu leth-dusan diubh. Tha na Sailm gu leir air an cur am meadrachd anns an leabhar so le Mr Kirke, duine ’bha ro fheumail ’na latha do Ghaidheil na h-Alba leis na leabhraichean a chuir e mach ’n am measg. Anns a bhliadhna 1688 bha leabhar beag cheist air a chur a mach, a réir mo bharail le Mr Kirke, agus is cosmhuil gu ’m b’e sin an cuigeamh leabhar a chlò-bhualadh ’s a’ Ghaidhlig. Anns a’ bhliadhna 1689, bha ’n Seann Tiomnadh agus an Tiomnadh Nuadh air an cur a mach anns an litir Ròmanaich a chum leas nan Gaidheal Albannach le Mr Kirke. Bha dà mhìle anns a’ chló-bhualadh, agus b’ e sin a’ cheud uair a bha am Biobull, faodaidh mi a ràdh, air a chraobh-sgaoileadh am measg Ghaidheal na h-Alba; ach bha e dlù air ceud bliadhna an déigh sin mu ’n robh earrann air bith dheth air a chur a mach ’n an càinnt féin, oir cha d’ rinn Mr Kirke ach am Biobull Eireannach, a bha roimh air a chur a mach an Eirinn anns an litir Eireannaich, a chur anns an Ròmanaich. Bha ’n Tiomnadh Nuadh air a chur a mach air tùs anns a’ chainnt Eireannaich ’s a’ bhliadhna 1603. Bha e air ’eadar-theangachadh leis an Easbuig O’Donnell, agus b’ e sin an ceud uair bha cuibhrionn air bith do na Sgriobtuiribh air a chur a mach ann an aon air bith do na cainntibh Gaidhealach. Cha robh an Seann Tiomnadh air a chur a mach gus a’ bhliadhna 1685. Bha e air ’eadar-theangachadh leis an Easbuig Beddell; agus chaidh dà cheud de na Biobuill so chur gu Alba airson feum nan Gaidheal. Bha ’n Tiomnadh Nuadh air ’ath-chlò-bhualadh ’s a’ bhliadhna 1681 agus bha ’n Seann Tiomnadh agus an Tiomnadh Nuadh air an cur a mach le Mr Kirke, mar thug mi a cheana fainear, ’s an litir Ròmanaich, ’s a’ bhliadhna 1690. Bha Tiomnadh Nuadh Mr Kirke air ’ath-chlò-bhualadh ’s a’ bhliadhna 1725, agus cha d’ thugadh oidhirp tuilleadh air focal an Tighearna chraobh-sgaoileadh am measg nan Gaidheal gus an robh an Tiomnadh Nuadh air ’eadar-theangachadh a chum na Gaidhlig Albannaich, agus air a chur a mach ’s a’ bhliadhna 1767, agus cha robh an leabhar a ta teagasg eòlais na slaìnte r’ a fhaotainn gu h-iomlan ann ar càinnt dhuthchasaich gu ruig a’ bhliadhna 1801, agus tha ministeir ’s an Eaglais Shaoir an diugh a rugadh mu ’n robh cuibhrionn idir do ’n t-Seann Tiomnadh r’ a fhaotainn anns a’ Ghaidhlig Albannaich. Nach iongantach gu ’m bheil ar luchd-duthcha cho fiosrach a ’s a ta iad mu theagasgaibh na slainte, oir cha ghabh e ràdh gu ’n d’ fhuair iad mòr chothrom air fòghlum a thogail anns na linnibh a chaidh seach. Is fheudar ’aideachadh gur iad na leabhraichean a ta air an eadar-theangachadh o ’n Bheurla a ’s lionmhoire ann an àireamh na na leabhraichean a bha air tùs air an sgriobhadh anns a’ Ghaidhlig féin, agus tha a’ chuid a ’s mò dhiubh ro-fheumail a chum fiosrachadh a thoirt do ’n t-sluagh. B’ e “Gairm an Dé Mhoir do ’n t-sluaigh neo-iompaichte” aon do na ceud leabhraichibh, cho math ri aon de na leabhraichibh a ’s feumaile, a chuireadh a mach anns a’ Ghaidhlig Albannaich. Bha ’n leabhar so air ’eadar-theangachadh le Mr Alasdair Mac Farlain, Ministeir Chil-Mhelpeird, duine a shaothraich gu mòr ’n a latha a chum leas nan Gaidheil. Bha “Turus a’ Chriosdaidh” air a chur a mach air tùs ’s a’ bhliadhna 1812. Bha e air ’eadar-theangachadh [TD 110] [Vol. 11. No. 14. p. 6] le duine a chuir na Gaidheal fo chomanaibh mòra agus lionmhoir—Patric Mac Farlain. Bha iomadh leabhar feumail air ’eadar-theangachadh leis an duine so. Am measg nan leabhraichean a dh’ eadar-theangaicheadh gu Gailig buinidh àite àrd do leabhraichibh Bhostoin agus Uillison; ach is fheudar dhomh gabhail seachad orra, agus air iomadh leabhar feumail eile a dh’ fheudas an Gaidheal a nis a leughadh ’n a chainnt féin, agus théid mi air aghaidh gu beagan a labhairt mu na leabhraichibh a chuireadh a mach air tùs anns a’ Ghaidhlig féin. Cha ’n ’eil na h-ughdairean Gaidhealach a sgriobh ann an rosg ach ro-thearc ann an àireamh, agus cha ruig mi a leas luaidh a dheanamh aig an àm ach air aon diubh a bha comharraichte do thaobh a’ chumhachd agus na buaidhe leis an do sgriobh e a’ Ghaidhlig. Is lìonmhor Gaidheal a chuimhnicheas le taitneas air an Teachdaire Ghaidhealach agus air Tormod Og. Feudar a radh gu ’m bu bhàrdachd rosg an Olla Leòduich. Ach is ann tromh bàrdachd a mhaireas a Ghaidhlig, agus a leughar i, an uair, mo thruaighe, nach bi i ni ’s faide air a labhairt air Gaidhealtachd no am measg Eileanan na h-Alba. Agus tha a’ bhardachd sin ni ’s pailte, agus ni ’s buadhaiche na tha iomad do nach aithne a’ Ghaidhlig am barail. Gu ’n labhairt mu Oisean, c’àite am faighear òrain anns am mò am bheil do ’n fhìor bhardachd no ann am “Màiri Bhàn òg,” agus “Cead deireannach nam beann,” le Duncha Bàn; ann am “Madainn chiùin chéitein” le Uilleam Ros; ann an “Oran Allt an t-sùgair,” agus òran an t-Samhraidh le mac Mhaighstir Alastair, ann am “Miann a’ Bhaird Aosda” agus iomadh òran buadhach eile a dh’ fhaodainn ainmeachadh. Tha uiread do bhlas agus do shnas na fìor bhàrdachd air na briathran a leanas agus a ta air roinn air bith a gheibhear anns a’ Bheurla, no ann an cainnt air bith eile: O càraibh mi, &c., agus air a’ cheathramh a leanas le Duncha Ban: Chaidh mi do ’n choill, &c. No ma théid sinn gu bàrdachd dhiadhaidh, am faighear ann an cainnt air bith laoidh a’s òirdheirc na Laoidh “La a’ Bhreitheanais” le Dughall Buchanan, agus ann on Laoidhibh Bean Torra Dhamh, Am Bàideanach, agus ann an iomadh laoidh eile a thig gu deas gu ’r cuimhne gheibhear araon milseachd an t-soisgeil agus fiòr shnas na bàrdachd. Cha ’n aithne dhomh laoidhean a’s milse na laoidhean Bean Torra Dhamh, mar chi sibh o na rainn a leanas: “Tha gach la dhomh mar bhliadhna,” &c. Ann an laoidh eile a ta air a cur sios ann an Co-chruinneachadh an Olla Leòidich mar air a dheanamh leis an duine ainmeil sin, an t-Olla Iain Gobh, tha i ag ràdh: “Nuair bhios fiaradh ann ad chrannchoir.” Agus tha teagasgan an t-soisgeil air an cur sios ann am briathraibh snasmhor le Seumas Mac Griogair agus le Parra Grannd. Tha Seumas Mac Griogair ag ràdh mu ’n t-soisgeil: “B’ e sgeul an àigh e, air beatha ’s slainte,” &c. Agus tha Parra Grannd ag ràdh mu ghlòir an Uain: “Tha Sion a’ seinn cho binn a ’s urrainn,” &c. Nach ’eil an fhiòr bhardachd ann am briathran an Ollaimh Dhomhnullaich a bha ’s an Tòisidheachd? A nis, an uair a dh’ ainmicheas mi gu ’n deachaidh, eadar òrain agus laoidhean, còrr mòr agus cuig fichead leabhar a chur a mach anns a’ Ghaidhlig, agus iomadh dhiubh sin ’n an co-chruinnichean mòr agus eireachdail mar ta Leabhar Oisein, Leabhraichean Alastair Mac Mhr. Alasdair, Dhuncha Bhain, agus Rob Dhuinn, co-chruinneachadh nan Stiubhardach, agus co-chruinneachadh Mhic Coinnich, chithear nach ’eil ar càinnt gu ’n fhoghlum-sgrìobhta innte, air sgàth am bheil i fiughail air bhi air a fòghlum agus air a cumal suas. Ach ged dh’ fhaodadh e bhi feumail fiosrachadh ni ’s farsuinge a thoirt mu na sgriobhaidhean anns am bheil bardachd na Gaidhlig air a cur sios cha cheadaich uine dhuinn. SIR FALBH-O-CORN. UAIR ’s gu ’n robh bha là anabarrach fiadhaich anns a’ Ghaidhealtachd, ann an àite nach ainmichear, ’s a h-uile gin a bha ’tighinn a stigh air chéilidh do thigh ’s an robh cailleach mhòr aig oir an teine, ag ràdh gu ’m b’ e so an latha fiadhaich, ’us theireadh i ris a h-uile aon a thigeadh a stigh, “Is beag sin aig an fhear bhuidhe aig ceann Drochaid-nan-teud a nochd,” ’us mu dheireadh thainig Sir Falbh-o-Còrn a stigh agus thuirt e gu ’m b’ i so oidhche ’n fhamhair. Thuirt a’ chailleach ris mar a b’ àbhuist, “Is beag sin aig an fhear bhuidhe aig ceann Drochaid-nan-teud.” An sin thuirt Sir Falbh-o-Còrn, “Tha mise ’cur mar chroisean ’s mar gheasan orm fhein mar naoi mnathan-sìth siubhal sith seachranaich, nach ith ’s nach òl mi nì gus am faic mi am fear buidhe aig ceann Drochaid-nan-teud.” An sin thuirt a’ chailleach ris, “Tog dhiot do gheasan,” ’us thuirt Sir Falbh-o-Còrn nach togadh. An sin chaidh Sir Falbh-o-Còrn na ’chulaidh-chath ’s na ’chruaidh-chòmhraig. ’s e bu chulaidhh-chatha ’s bu chruaidh-chòmhraig dhà, sgiath bhucaideach, bhacaideach mhin-dhearg air a thaobh cli, air am bu lionmhor dealbh leomhain, agus dealbh liopaird. Ghearradh i naoi naoinear a null, us naoi naoinear a nall ’s ghlacadh e fhein ’s an làimh chiadna i rithist. An sin ràinig an gaisgeach an cuan, ’us chuir e a lamh dheas ann an toiseach na bìrlinn, ’us tharrainn e mach air an fhairge i. An sin thog e na siùil bhreac bhaidealach ri aghaidh nan crann fada, fiodhanta, feargach; cha robh crann ga ’lubadh, seòl ga ’reubadh, ag caitheamh na fairge fulcanaich, falcanaich, leothar dhearga, leothar ghuirme Lochlannaich; tri troidhean ’s a’ ghrunnd, trì troidhean eadar-dha-lionn, trì troidhean dh’ iasg na tuinne, a tomhas os cionn a beòil, a’ bhiasd bu mhutha ag itheadh na béisde bu lugha, ’s a’ bhiasd bu lugha ’dianamh mar a dh’ fhaodadh i. An sin bha rìgheachd na doimhne mòire ’dol as an t-sealladh, is Eirionn a’ tighinn a’s t-sealladh. Mu dheireadh ràinig an gaisgeach tìr, ’us chuir e a làmh dheas an toiseach na bìrlinn ’us tharrainn e a seachd fad fhein air talamh tioram i. An sin chaidh an gaisgeach a rithist na ’chulaidh-chatha ’s na ’chruaidh-chòmhraig, ’s dh’ fhalbh e leis na ceumannan moiteil, toirteil, làidir, ’s cha bu lugha am meal teine a chuireadh e bho bhun gach lòdaig, no bhàrr gach òrdaig na maol-chnoc sléibh, ’s gu ’m b’ fhearr nàmhaid a sheachnadh na tachairt ris ’s a’ cheart àm. A’ triall da mar sin faicear a’ tighinn ag gearradh shùrdag am fùdarlach sleomhain buidhe ud agus ’s an tachairt chuir na laoich fàilt air a’ cheile gu fitheach, fothach, feargach, gu fuilteach, nimheil, borbach. Tri dhitheachan chuireadh iad diubh dheth ’m fionnadh, dheth ’m falt ’s dheth ’m feòil, an t-àrd athar ’s an iarmailt. An sin dhianadh iad a bhogain, a bhogain, a chreagain, a chreagain, a thobraichean fior-uisge an aodunn gach creagain. An uair a b’ fhaide rachadh iad fotha, ruigeadh iad na sùilean, ’s an uair bu lugha, ruigeadh iad na glùinean. An sin chuimhnich Sir Falbh-o-Còrn gu ’n robh e fada bho ’chàirdean ’s an uchd a naimhdean, ’s thug e togail shunntach shuigeartach do ’n bhodach ’s bhrist e a ghàirdean fotha ’us aisne os a chionn, ’s an sin thuirt e, “Do bhàs air do mhuin, a bhodaich, ciod è d’ éiric?” “Is mor sin ’s cha bheag e,” os am bodach—“Ciste òir ’s ciste airgid am falach fo ’n ursainn.” “Is leam fhein sin,” osa Sir Falbh-o-Còrn,” ’s e ’sgudadh a chinn de ’n bhodach. Thug iad dòmhsa deoch á copan tioram ’s mìr de ’n aran nach robh ann, ’us dh’ fhàg mi an sid iad.—Sgeulachd. GACH NI NA ’THRATH. NA abair gu bràth gu ’n dean thu ann an uine ghoirid an ni sin bu chòir duit a dheanamh eadhon a nis. Cha d’ rinn duine riamh gu glic, agus gu maith air a shon fein, a chuir dàil ’na ghnothuichibh fein. Tha dàil cunnartach. Seàll air Nàdar, agus cha dean i dàil. Seall air Uine, agus cha dean i dàil. Cha chuir cumhachd talmhaidh sam bith stad air. Cha ’n ’eil oibre Nàdair mu ’n cuairt duit a’ deanamh dàil. An uair a thig an t-àm do na blàthaibh briseadh a mach, brisidh iad a mach; agus do ’n duilleach tuiteam, tuitidh e. Seall suas air na speuraibh agus bi air do theagasg leis na reultaibh. Cha chuir na cruinn-mheallan soillseach dàil ’nan laidhe no ’nan éiridh. Tha gach réult, agus dùbhradh-gréine agus gealaich gu h-eagnuidh seasmhach ris a’ cheart mhionaid, agus cha diobair a h-aon diubh ’na asdar siùbhlach. Cha ’n ’eil moille idir ann an gluasadaibh a’ chruinne-ché, a shonruicheadh le gliocas agus cumhachd neochriochnuich an Ti Uile-bheannuichte a dhealbh e. Na’n deanadh na rionnagan dàil ’nan cuairtibh bheireadh iad sgrios gu h-obunn air a chruitheachd, agus thuiteadh gach ni ann an àimhreite. Na ’n cuireadh Nàdar dàil ’na h-oibridh air an talamh, thigeadh gortaidh, agus plàighean, agus truaighean a’ chuireadh as do gach duine, agus ainmhidh, agus créutair beo air uachdar an t-saoghail. Nach fior agus fallain an teagasg so do ’n chinne-daoine na’n gabhadh iad gu cridhe e? Thugadh comas do’n duine, ma’s i a thoil fein e, dàil a chur ’na dhleasnasaibh, agus tha e ’deanamh sin gu minic, ach gu minic tha e ’ga dheanamh chum a challdach fein. Tha ’n Tighearna ’na fhocal agus ’na oibribh fein, a’ teagasg do’n duine, gur e “anis” an t-àm freagarrach, agus an t-àm a shònraicheadh le ’fhreasdal fein chum leas aimsireil agus spioradail an duine sin a chur air aghaidh. Uime sin, na abair gu’n dean thu ath-leasachadh ann an ùine ghoirid, oir air an ùine sin cha’n ’eil gealltanus idir agad. Cuimhnich, ma ta, an fhìrinn so ata air a sprrradh ort le eachdraidh an t-saoghail, le righribh agus le’n iochdaranaibh, agus leis na h-uile nithibh, agus na cuir seachad gus an là màireach, an dleas’nas a’s còir duit a dheanamh air an là ’n diugh. GAINNEAD A’ GHUAIL—Ged tha ’n aimhreit a bha ’sna mèinnean-guail am Pennsylvania thairis, agus na mèinnean air an obrachadh gach latha, tha an gual fhathast gann, agus bithidh gus am bi a’ mhor chuid dhe ’n gheamhradh seachad. Bha na mèinnean na ’n tàmh fad choig miosan, agus mu’n do thòisich iad air obair, bha ’n stoc guail air fàs cho gann anns gach cearna ’s nach cumadh an cur a mach an deigh sin suas ri cosg no feum na dùthcha. Ann an àiteachan tha na sgoilean ’s na h-eaglaisean air an dùnadh o’n thainig an geamhradh, ’s tha moran theaghlaichean gun a bhi ’g ùisinneachadh ach dha no tri sheòmraichean dhe ’n tighean. Tha gluasad anns na Stàidean aig an àm so air-son gual Chanada a leigeadh a stigh do ’n dùthaich saor o chisean cuspainn. [TD 111] [Vol. 11. No. 14. p. 7] Gaol Duthcha. AIR EADAR-THEANGACHADH O BHEURLA SIR WALTER SCOTT, LE G. SINCLAIR. ’Bheil neach air bith, ’s an deo na chré, Cho fuar ’s nach duirt e riamh ris féin, “Mo dhùthaich chaomh do ’n tug mi gaol!” Aon nach do las a chridh’ na chom, Dhachaidh ’n uair ghluais le ceum neo-throm, Bho anradh cianail feadh an t-saogh’l; Ma tha rach ’s beachdaich air gu dlùth, Ri laoidh no ceol cha tog e shùil: Ged bhiodh e àrd an ainm ’s an inbh’, ’S a mhaoin cho mor ’sa dh’ iarradh miann; A dh’ aindeoin ’airgid, ’ainm a’s oir, ’S e ’n t-umaidh truagh bhios ann r’a bheo, Cha ’n fhaigh e meas, no miagh, no cliù, ’S ’nuair thig am bàs theid sios do ’n ùir, Gun chuimhn’ no iomradh air am feasd, ’S cha chaoidhear air a shon gun cheisd. O! Albainn chaomh, nan stuc, ’s nan càrn! A mhuime dh’ àraicheas na bàird! A thir a’ bharraich is an fhraoich, A thir nam beann, nan tuil, ’s nan craobh, Tir mo shinnsear! tir nan sàr, Co dh’ fhuasglas an ceangal gràidh, Ri d’ thràigh a dh’ aonas mi gu bràth! An Cairdeas Ceart. LE DOMHNULL MAC LEOID. ’N am b’ urrainn mise sgeanan or Le seoltachd dhuibh a dhealbh, Ghrad dheanainn air an innean ceol Le clobha ’s ord is sgeilb. Ach tha ’n t-or dhomh fuasach gann, Ged ’s teann mi as a dhéigh, Tha mi gach la theid air mo cheann ’San àite ’n robh mi ’n dé. Tha cuid de ’n bheachd gur h-e an t-or An ti a’s àirde th’ ann; Ach cha ’n ’eil mise dhe an t-seors’ Do Mhamon chromas ceann. Nach cuala sibh ma bheir neach sgian Mar ghibht do charaid gràidh, Gu ’n gearr i, mar a ghearrar iall, Gach càirdeas agus bàigh. Ged bhiodh gach sgian ’s a’ chruinne-ché Air aon chas fhada mhor, Cha ghearradh sid mo chàirdeas féin Do shliochd a Ghobha Mhoir. Cha ’n ’eil aon fhaobhar fuidh an ghréin Ni beud d’ ar comunn grinn: Seadh, eadhon claidheamh Ghideoin fhéin Cha sgar bho chéile sinn. Tha càirdeas ann ’s cha ’n fhiach leam fhìn An t-ainm sin a radh ris, Oir teichidh e ’nuair chi e sinn An sàs ’sna preasan dris. Ma bhios an t-or dhuinn pailt gu leor Ni ’n seors’ ud brosgul ruinn, Mur bi ach airgead ruadh na ’r dorn Cha ’n eol daibh idir sinn. Mar charraig dhaingeann ann an sruth, Bha ’n cairdeas ceart bho thùs: Mar bha e ’n uair sin tha e ’n diugh, Le aois cha chaill e ’lùths. Ged ’s seasmhach e mar chreig an sruth, Mar chreig cha ’n ’eil e fuar, Ach teth mar éibhlean mòine dhubh, A’s fearr na teine guail. ’S an àm am bi na speuran paisgt’ Mar rol an leabhar suas, An uair sin, latha garbh ar n-airc, Ar cairdeas-ne cha ghluais. Bha an t-oran so air a chlo-bhualadh anns an àireamh a thàinig a mach air an 28mh latha de Nobhember s’a chaidh, ach bha tri rannan air am fàgail as. Cha ’n eil fhios againn có rinn am mearachd, an t-ùghdar a’ cur an orain ugainn, no sinne ga ’chur an clò, ach rinneadh i, agus tha sinn anns an àireamh so ga ceartachadh. Litir o Chalum Beag. Gheall mi gu ’n sgriobhainn a rithist ’nuair gheibhinn cothrom, agus a nis o ’n thàinig oidhche a chothrom cha ’n ’eil mi dol ga ’leigeadh seachad, air eagal gu ’n gabhar brath orm ma dh’ aontaicheas mi tuilleadh dàil a chur anns a ghnothuch. Tha mo litir gu h-àraidh a chum a leigeadh fhaicinn do m’ chàirdean beag an Ceap Nor ciamar a tha cùisean a dol a’ m’ thaobh ’s a bhaile so. Faodaidh iadsan a bhi cinnteach gu ’n robh tomhas mor eagail agamsa roimh luchd-misge fad ùine an deigh mo theachd, agus co dhiubh bha deadh aobhar agam air no nach robh, cha robh mi fada gun sin a nochdadh ’san dachaidh ùr so, ann an doigh a thug gàire cridheil am mach uair is uair. Air feasgar Sàbaid àraidh, agus m’ athair air dol do ’n eaglais, ’s gun a stigh ach mi fhein agus a chuid eile de ’n teaghlach, chunnaic sinn coigreach a deanamh direach air an taigh. Cho-dhùin sinn gu grad gu ’m bu mhisgeir e, agus leum pàirt de chàch a chrannadh an doruis, ach an àite mise dhol a dheanamh comhnadh leo, ’s ann a bhuail e na m’ cheann nach robh ni a bu fhreagarraiche dhomh a dheanamh na laidhe air mo bheul-fodha fo bhord a bhidh. Ged bha ’n fheadhainn a bha gleidheadh an doruis air chrith leis an eagal cho mor ’s a bha mise, bha an dial aca ri dheanamh cumail o ghaireachdaich ris an t-suidheachadh ’san robh mi. Cha ’n urrainn mi fios a bhi agam dé ’n ùine dh’ fhan iadsan aig an dorus agus mise fo ’n bhord, ach tha mi làn chreidsinn gu ’m faodadh an duine a bhi le beagan cabhaig an ceann eile a bhaile mu ’n do dhùraig sinn gluasad. ’Nuair thainig m’ athair dhachaidh mu naoi uairean, ’s beag nach do cho-éignich sinn e gu boideachadh nach rachadh e do shearmon oidhche ach sid agus sinne fhàgail a stigh leinn fhéin. Ma theannas aon de m’ cho-aoisean ri meas nach ’eil annam ach an gealtaire bochd, cha ’n abair mi nach ann ri sin a bha sid coltach, ach their mi ris an ni a bu choir do na big agus a mhuinntir mhor a bhi ghnàth na ’r n-aire—“An ti a shaoileas a bhi na ’sheasamh thugadh e aire nach tuit e.” Tha mi nise air faighinn thairis gu math air m’ eagal roimh mhisgeirean. Tha mi ’faicinn gur ainmic a tha iad a taghal thaighean anns nach ’eil eolas aca; agus gu ma fada bhios gach aon diubh gun eolas ’san taigh so. Tha mi fhein a cur romham, ’s tha mi ’n dochas gu ’n cùm mi ris, nach blais mi air deoch-làidir gu bràth, agus is i mo chomhairle do gach aon de m’ chàirdean beaga gu ’n dean iad fein an ni ceudna. An neach nach gabh a cheud ghlaine cha ’n fhàs e gu bràth na ’mhisgeir, ach cha ’n urrainnear a radh le cinnt a thaobh aon sam bith a bhlaiseas air a cheud te, nach ’eil e le sin ga ’chur fein air an rathad gu bhi na ’mhisgeir cho truagh ’s a tha ri fhaotainn air uachdar na cruinne. Sidni-a-Tuath. CALUM BEAG. Séideadh na gaothan agus eireadh tonnan an àmhghair mu ’n cuairt duit mar a dh’ fhaodas iad, ach na cuireadh iad bruaillean ort. Rach air t-aghaidh air slighe na firinn agus a’ cheartais, agus bithidh tu daingean mar chreig. Suidhich thu fein air treibhdhireas, agus cuir gach ànradh agus aimhleas gu ’n dùlan. Ma dh’ éireas mu’n cuairt duit luchd-tuaileas le ’n teangaidh nimhnich, agus ma ni iad an dichioll chum smal a thoirt air do dheagh chliù, na toir feairt orra. Amhairc air gach aon diubh gu dian an clàr an aodainn, agus na fosgail do bheul. Giulain thu fein gu direach, biodh do ghiulan glic agus ionraic,—agus thugadh ciùineas do ghnùis, agus macantas do bheatha a’ bhreug dhaibhsan maraon, leis am bu mhiann do chlaoidh, do shàrachadh, agus do smàladh as. Na toir breth a réir coltais. Faodaidh cridhe math bhi fo chota coiste. Iadsan a Phaigh. Peadar Mac-Neill, Cobh a’ Phiobaire. C.B. A. W. Beuton, Loch Lomond Seumas I. Mac-an-t-Saoir, Sidni Màiri Mhathanach, Sidni D. Mac-a-Ghobha, Sidni D. McD. Caimbeal, Sidni Iain Mac-Coinnich, New Harris Domhnull Moireasdan, Ceap Nor F. Mac-Gillinnein, Victoria Line D. I. Domhnullach, Loch Ghabarus Domhull Beutan, Gleann nan Sgitheanach Aonghas Mac Cuithein, Framboise An t-Urr. L. I. Mac-a-Phearsain, Baddeck Bantrach L. Mhic-Illemhaoil, L. Ainslie Calum I. Cuimeanach, Ashfield Coinneach A. Fearghasdan, L’Ardoise A. N. Mac Phaidein, Malagawatch Iseabail Dhomhnullach, Thorburn, N. S. An t-Olla Mac-a-Phearsain, Antigonish Alasdair Màrtainn, Valleyfield, E. .P. I. Iain I. Mac Leoid, Beinn ’Ic Mhanainn E. P. I. Tormad P. Mac Leoid, Steornabhagh, Que. Domhnull Dùghlach, Verna, Assa. Bean Ghilleasbuig Bhell, Wiarton, Ont. Iain Mac Cuithein, Boothville, Ont. Iain Dùghlach, Sowerby, Ont. Màiri Nic Calamain, Lucknow, Ont. Tormad Mac Rath, Alexandria, Ont. A. M. Caimbeal, West Lorne, Ont. Tigh nan Cumantach, Ottawa, Ont. D. I. Friseil, Vankleek Hill, Ont. Bean A. Mhic-a-Bhiocair, Teeswater, Ont. A. M. Domhnullach, Vancouver, B. C. Iain W. Caimbeal, Phoenix, B. C. Tormad Fearghasdan, Brookline, Mass. D. I. Mac-Gillinnein, Quincy, Mass. D. Mac-Fhionghain, Quincy, Mass. Iain G. Mac Eachainn, Woburn, Mass. Uisdean Mac Aonghais, Boston, Mass. Cailean Dùghlach, South Oil City, Pa. Am Bràthair Ananias, San Francisco. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 112] [Vol. 11. No. 14. p. 8] Laoidh. EADAR. O ’N BHEURLA, LE “K. W. G.” Air oidhche àlainn thùirling e, An t-oran glormhor àigh, Bho ainglean àrd’ a’ dlùthachadh Le ’n clàraibh-ciùil mu ’n mhàgh; “Mor-ghloir do Dhia, air thalamh sith, ’S deagh-ghean do dhaoin’ gach linn,” Gu tosdach dh’ éisd an cruinne-cé Ri ainglean Dhé a’ seinn. Feuch iad a’ tearnadh troimh na neoil, Air sgiathan caomh na sith; Chum armailt nèimh gun sgur ri ceol, Os cionn an t-saoghail sgith; Tha iad a’ cromadh dlùth le bàigh, Thar tir a’ bhroin ’s na teinn; Is thairis air a’ bhuaireas àrd, Tha ainglean Dhé a’ seinn. Da mhile bliadhna ruith an cuairt Fo cho-sheirm bhinn nan laoidh, Gidheadh le euceart agus fuath Tha ’n saoghal air a chlaoidh; Tha daoin’ a’ cath an aghaidh dhaoin’, ’S le naimhdeas air an roinn; Cha ’n éisd iad ris an oran ghaoil ’Tha ainglean Dhé a’ seinn. O sibhs’ tha dol, le ceuman fann, Fo uallach trom a’ bhroin, Air rathad dorcha, doirbh, troi ’n ghleann, ’S a fhuair gu tric ur leon, Biobh ait, tha ’n t-àm a’ tarraing dlùth A dh’ fhuasglas sibh o phéin; O éisdibh, ’n uair a tha sibh sgith, Ri ainglean Dhé a’ seinn. Feuch là an aoibhneis dlùth do làimh, Mu ’n d’ rinn na fàidhean sgéul! Tha bliadhn’ na saorsa cinnteach dhuinn, Mar ghealladh le am béul; Bheir nèamh is talamh nuadh an géill Do Rìgh na sìth r’ a linn, Is éiridh fonn o ’n chruinne-ché, Mar ainglean Dhé a’ seinn. Oran. LE ALASDAIR DOMHNULLACH, AM PAINTER MOR. Tha fàileadh a ghuail ’S an uair air m’ aire, Fhuair mi ’n diugh an Broad Cove, ’S sealladh a chuain Mu thuath an fhearainn Mar luach ri uiread de dh’ or; Ged bhios e car fuar An uair na gailleann, Cha ’n fhuachd a chrannas am beo; Cha chluinneadh mo chluasan Fuaim bu mhath leam Na nuallan mara na cheo. Chunnaic mi ’n uair ’S bu luath sinn, Ailein, Air ghluasad far am biodh ceol, Cha chuireadh oirnn smuairean Uair a chaithris Air luadh no banais na ’r n-oig’, Bu chridheil ar duan An nair na Callainn, ’S mo luaidh na fir nach ’eil beo, A bheireadh dhuinn duais Bho fhuaim nan caman Gu luath ’s a ghloin’ air a bhord. Bha ’n cruithneachd a fàs Cho àrd ’s cho fallain, Bha làn de dh’ aran ’s an dlò; Bha ciall agus nàire A ghnàth ’s gach caileag, ’S bu bhàigheil caithream am beoil, ’S na gillean cho àlainn, Làn de charranachd, Làidir, amaiseach, beo; Mo chreach! gu bheil pàirt diubh ’Cnàmh ’san talamh, ’Chuir iadsan dh’ fhan ann am bron. Tha obair ’sa mheinn ’Bheir min is aran Dh’ ar linn, ma mhaireas an gual; ’S mar faighear air tir Gach ni mar is math leinn, Tha sìthein laigh’ ris a chuan, Far a bheil iasg is briagha lainnir ’S an lion ga ’tharruinn gu bruaich, ’S na gillean glan, ciatach, Fialaidh, fallain, A lionadh bharaillean suas. Tha ’n gual am Broad Cove Na ’loid ga ’tharruinn Gu bord na luingeas thar chuan; ’S an gearran dubh iarainn, ’S sgiamh na anail, A riasladh fearainn bho luach, A toirt leis gach sian Tha shios bho ’n talamh A’s fhiach gu goil thoirt dh’ ar ti, No fear a bhios liath, ’S a chiabh air tanadh, A dh’ iarradh garadh le spid. ’S e Mactalla tha truagh, Cha d’ fhuair e cadal Bho ’n ghluais na spaidean ’s na càrs, Dh’ fhàs e cho fuar Le fuachd a chasan Na ’shuain ’s cho fada na ’thàmh; Ach thàinig an uair, Bheir fuaim na maidne Na ’chluasan cagar no dhà, Gu ’m freagair an t-sluasaid Fhuar ’s na glaicaibh Air chuan ’s an dachaidh na tràigh. Litir a Quincy. A’ CHARAID CHOIR,—Bliadhna mhath ùr dhut! Tha mi ’sgriobhadh na litir so le dùrachd taing a thoirt dhuibh air son nan orain bhlasda, na sgeulachdan gasda, agus na litrichean taitneach a tha sibh a’ cur ’sa MHAC-TALLA an comhnuidh. Mo bheannachd aig Peigidh Phabach; ’s i fhein a thogadh fonn air na puirt. ’S iomadh port a chuala mi fhein ann an Eilein a’ Phrionnsa aig na seana Ghaidheil. Tha cuimhn’ agam air facal an sid ’s an so de mhoran dhiubh. Tha mi ’n dochas gu ’n cuir Peigidh so ceart ’sa MHAC-TALLA:— Seall am bheil mi dannsa direach, Seall am bheil mi ruidhle coir; Seall am bheil mi dannsa direach, Cur am prine na mo sgod; Cur am prine, cur am prine, Cur am prine na mo sgod. Agus so:— Seann Iain mac Ruairidh, Seanu Iain mac Dhomhnuill, Seann Iain mac Ruairidh dhuibh, Rugadh anns an uamh thu. Bha duine coir anns an nàbachd an d’ rugadh mi—Ruairidh mór Mac Leoid—a rinn iomadh oran gasda. Chuala mi aon dhiubh aig Murchadh Mac Mhanainn, am Beinn ’Ic Mhanainn, E. P. I. ’S coir do Mhurchadh a chur anns a’ MHAC-TALLA dhuinn. Sheinn Ruairidh:— Na ’m faighinn air m’ ordugh Soitheach dhiomolt’ a sheoladh, Rachainn fhathast air m’ eolas, ’S ruiginn Troternis chaomh. Rinn Callum bàn Mac Mhanainn marbhrann do dhithis nighean eireachdail a thuit le tinneas a bhrist am mach am measg an luchd-imrich a thainig air an soitheach Polly. So sreath dheth:— Chur mi iad an cìll nam Frangach, ’S cha chuir fuachd a gheamhradh as iad. Tha mi cinnteach gu ’m bheil an t-oran so aig Murchadh. Bidh mi nis a sgur. Do charaid, Quincy, Mass. M. MAC LAOMUINN. Cha bu choir do dhuine gu bràth nàire bhi air airson aideachadh gun deachaidh e mearachd. Tha ’n duine dh’ aidicheas a mhearachdan a’ nochdadh gu bheil e ’n diugh na ’s glice na bha e ’n dé. Tha caraid aimideach moran na ’s trioblaidiche na nàmhaid a tha glic. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 113] [Vol. 11. No. 15. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 23, 1903. No. 15. Mu Bhruadair. THUS’ a tha eòlach air gach ni, innis domh, ma ’s e do thoil e, ciod is ciall do bhruadair, no aislingean na h-oidhche? Tha iad a’ cur iongantais mhòir orm, agus cha ’n ’eil mi idir ga ’n tuigsinn. Ma dh’ fhaoidte nach ’eil duine sam bith a’ bruadar mar tha mise. Cha ’n ’eil dùil agam gu ’n d’ thàinig cadal riamh air mo spiorad. ’N uair tha mo cholainn a gabhail tàmh na h-oidhche, tha mo spiorad ag itealaich gu saor fuasgailte a mach air feadh an t-saoghail. Cha ghabh esan tàmh, agus cha ’n ’eil e air a chlaoidh le saothair. Air leam nach ’eil ann an aisling na h-oidhche ach fearas-chuideachd an anama, an déigh dha uallach na collainne a chur dheth. Saoilidh mi gu bheil a’ cholainn mar leanabh trom gun tùr, fo chùram agus aire an anama; agus an déigh do ’n leanabh so dol na ’chadal gu bheil a mhuime a’ dol a mach gu h-aighearach, inntinneach a dh’ fhaicinn an t-saoghail. Is duine aosmhor mise, a tha chòmhnuidh fada bho thìr m’ eòlais, ann am fròig bhochd dhorch’ ann an aon de chaol-shràidibh a’ bhaile-mhòir. Is daor a tha mi cosnadh m’ arain, agus tha iarguin na h-aois a’ laidhe gu trom orm. B’ e miann mo chridhe bothan beag fhaotainn ann an deireadh mo làithean, ann an dùthaich nam beann, agus mo chorp, an déigh bàis, a bhi air a chàramh fo lic mo shinnsir; ach ’s e so dòchas nach fhaod mi àrach, agus cha ’n ’eil feum a bhi ’gearan. Bha là nach do shaoil mi gur ann mar so a bhitheadh. Bu mheanmnach, àrd-thogarrach mi latha ga ’n robh mi. B’ e mo thlachd a bhi fiadhach nam beann, ’s a bhi leantuinn na faoghaid, agus da-rìreadh bu mhi nàmhaid a’ choilich-dhuibh agus na liath-chirce. Cha ’n iarrainn caithe-aimsir bu taitniche na bhi ’luinneireachd air a’ chaol. Ghabhainn mo dhuanag agus dheanainn i; bha mi anabarrach déigheil air ceòl: bheireadh an fhigheal orm dannsa, ge b’ ann casruisgte ’s an dubh-chladach, agus cha b’ fhearr mi na amadan fo nuallan na pìoba. Bha mi ann an gaol o’n is cuimhne leam, ge nach do phòs mi riamh. Bha gaol mòr agam air ainnir àillidh a rugadh agus a thogadh làmh rium; boinne fala cho lurach ’s a chunnacas le sùil. Is minic a bha mi leatha ann an coille nan cnò, a’ buachailleachd nam meann, ’s a’ buain nan dearc air an tom. O, bu bhòidheach i; bu mhilis leam briagail a beoil, bu taitniche leam fiamh a gàire agus blàithead a sùl na aon ni eile a chunnaic no chi mi gu bràth; ach chuir tuaileas nam breug eadaruinn, agus cha chuala i riamh ciamar. Ach is coma cò dhiubh. Tha mis’ a nis am dhuine bochd; tha uallach trom air m’ inntinn, agus tha imcheist an t-saoghail so an impis mo chridhe a sgàineadh; mur b’ e bruadair agus aisling na h-oidhche cha ’n ’eil fhios ciod e a dheanainn. Is mòr am faochadh a ta iad so a’ toirt dhomh. Cha luaithe ’dhùineas mo shùil na tha mo spiorad a’ falbh air a chuairt do thìr m’ òige. Ann an sin tha mi cho òg, uallach, aighearach ’s a bha mi riamh; gun suim do ’n aois mhosaich, no do ’n t-saoghal bhuaireasach. Tha leth-cheud bliadhna de m’ làithean mar gu ’m biodh iad air an dubhadh a mach. Tha mi a rithist ann an taigh m’ athar, agus tha e mar bha e riamh. Tha mo bhràithrean agus mo pheathraichean mar a b’ àbhaist daibh. Tha mi an dara cuid, a ’camanachd air a’ bhlàr, a’ sealgaireachd air a’ bheinn, no a’ luinneireachd air a’ chaol, a’ deanamh falach-chuain air gach bàt’ a thig am charamh. Tha mi gu tric ann an aisling na h-oidhche ri mànran milis le m’ chaileig ghaolaich, a’ siubhal ri taobh nam fuaran, ise cho àillidh òg ’s a bha i air an là air an dubhairt mi nach robh air an t-saoghal uile na chuirinn ann an coimeas rithe, agus mise cho aotrom, sunndach. Ann an aon fhacal, cha ’n ’eil ni a thug riamh sòlas do m’ chridhe ’s mi òg, air nach ’eil m’ inntinn a’ ruith ann am bruadar na h-oidhche. Ach a thuilleadh air so, tha mi am chadal far nach robh mi riamh am fhaireachadh. Tha mi gu tric ann an saoghal ùr, le buaidhibh agus le cumhachdaibh ùr nach d’ fhiosraich m’ inntinn riamh ’s mi ’m dhùsgadh. Tha mi ’n cuideachda righrean agus fhlaithean domhain. Bheir mi sgrìob do ’n Fhraing, agus gu grad theid mi as a sin do na h-Innsibh. Dìridh mi, ann am prioba na sùl, do ’n ghealaich, agus tearnaidh mi cho grad do uamhaibh dorcha an talmhainn. Marcaichidh mi an cearban air a’ chuan, no am fiadh air a’ bheinn. Bidh mi ’n dara uair a gabhail dhuanag leis a’ mhaighdinn-mhara fo’n fhairge ghuirm, no a’ dannsa leis na sìthichean air an tulaichibh uaine. Saoilidh mi gu bheil comas agam air uairibh siubhal gun chas a ghluasad, ach ag iathadh gu h-aotrom, uallach, gun fhios agam ciamar, mar ian beadarrach, o chnoc gu cnoc, no a’ snàmh gu h-aithiseach mar mhoch cheò an t-samhraidh. Mo bheannachd aig bruadar na h-oidhche: is iomadh aotromachadh thug iad riamh dhomh; ach ’s éiginn domh aideachadh gu bheil air uairibh aislingean mi-thaitneach agam. Ma thuiteas dhomh bhi sealgaireachd ’s a’ bheinn, tha mo ghunn’ a’ diùltadh agus am fiadh ag amharc orm an clàr an aodainn. Ma ’s ann a’ luinneireachd a bhitheas mi, tha ’n stiùir air m’ fhàgail, tha ’n crann-toisich a mach air a’ chliathaich, agus taoim gu tobhtaichean. Ma theid mi do ’n choille-chnò tha leannan mo ghràidh a’ sleamhnachadh bhuam leis an eas, agus chi mi a cuailean donn, ’s a làmh fhada gheal ’s a’ chuairteig dhorcha dhomhain a tha gu h-iosal fodham. Ma theid mi chreach nead na h-iolaire, tha mi ’tuiteam o sgòrr na creige, ’s an crochadh ri preas beag a tha ’n cunnart géilleadh leam. Air uairibh, ’s mi ’m chadal, saoilidh mi gu bheil mo cholainn air at gu tomalt anabarrach, a h-uile cas agam mar shac mine, ’s a h-uile miar cho garbh ri buideal. Tha mi air uairibh a’ bruadar gu ’n do thuit mi bharr an eich, ’s gu bheil e an dara cuid na ’laidhe air mo mhuin, no ga m’ shlaodadh as a dhéigh. Bha mi o cheann oidhche no dha crochte le fuiltein mo chinn ris a’ ghealaich, agus i ’falbh le luaths mor ’san iarmailt. Bha ’n cuan mòr gu h-iosal fodham, cha bu mhò Breatunn na eilein Mhuile, no an luingeas mòr na na frìdean. Bha eagal mo chridh’ orm gu ’m bristeadh an ròinnein, ’s gu ’n tuitinn ’s an àibheis oillteil a bha fodham. Mu dheireadh mhothaich sgiobair na gealaiche do rionnaig-earballaich a’ dlùthachadh air, na ’caoiribh dearga, agus ghlaodh e mach, “Gearraibh an ròinnein; leigibh as e; tha e cur maille oirnn.” An uair a chunnaic mi chorc a’ dol air, thug mi sgriach oillteil asam a dhùisg as mo shuain mi. A nise nach iongantach an gnothach so uile, agus nach do-thuigsinn buaidhean inntinn mhic an duine. Is tric a chuala mi mo mhuime, Seònaid nion Eoghainn, ag innseadh mu chladh na dùthcha anns an d’ rugadh mi, gu ’m b’ àbhaist do spiorad nam marbh éiridh air mheadhon-oidhche a shiubhal an t-saoghail, agus aig gairm nan coileach tilleadh a rithist a dh’ ionnsuidh an taighean caola còmhnuidh. ’S ann mar so, ann am bharail-sa, a tha inntinn an duine, co luath ’s a tha cholainn na ’suain tha ’n t-aoidhe so a’ dol a mach a shiubhal an domhain, agus tillidh e a rithist ’n uair a dhùisgeas i. Thugaibh dhuinn fiosrachadh air a chùis so. Ge h-aineolach mise seach sibhse, tha mi tarruing a’ cho-dhùnaidh so uaithe, gu bheil an inntinn á eisimeil na colainne, gu bheil buaidhean aig an spiorad nach urrainn cadal a mhilleadh; tha mi tuigsinn o so gu bheil a’ cholainn na ’nasgadh no na ’h-uallaich air an spiorad, agus an uair a chuireas an t-anam dheth an corp truaillidh so gu ’n éirich e gu àirde agus foirfeachd nach urrainn duinn a nis a thuigsinn. Caidlidh a’ cholainn car seal ’san uaigh, ach bithidh an spiorad sìor-bheò; a nis tha e air a chumail fodha le uallach na feòla, agus do ’n uallach sin is tric a tha e sgìth, ach an uair a shaoras cadal a’ bhàis e o ’n uallach so, éiridh e gu coi’-liontachd neo-chriochnaich.—An Teachdaire. Gainne a’ Ghuail. CHUIR an t-strith a bh’ anns na mèinnean guail am Pennsylvania fad an t-samhraidh ’s da mhios dhe ’n fhoghar an uiridh call nach gabh meas air muiuntir nan Staidean. Tha an call a rinneadh fhathast ri ’fhaireachadh ann an iomadh cearn dhe ’n dùthaich sin, agus eadhon ann an Canada; agus tha nithean a thaobh na gainne so nach eil soirbh a thuigsinn. Tha bailtean faisg air na mèinnean guail anns am bheil an sluagh a’ fulang agus cuid eadhon a bàsachadh le fuachd; tha an t-airgiod deiseil aca, ach cha ghabh gual faotainn air a shon. Bha aig aon de na h-uaislean a tha air a’ chomhairle tha réiteachadh chùisean eadar na mèinneadairean ’s na sealbhadairean ris an obair sin fhàgail o chionn ghoirid, ’s greasad dhachaidh feuch an rachadh aig’ air gual fhaotainn dha theaghlach féin. Ann an àiteachan eile tha na rathaidean-iaruinn cho gann dhe ’s gu bheil iad a’ [TD 114] [Vol. 11. No. 15. p. 2] cumail pàirt de ’n ghual a thatar a’ cur leotha o aon àite gu àit’ eile. Rinneadh so leis an Intercolonial againn fein eadar so is Montreal. Ann an Toledo, bha moran guail air a ghoid leis an t-sluagh bhochd, agus bha a’ ghainne cho mor na ’m measg ’s nuair chaidh cuid dhiu chur an greim air-son na meirle gu ’n do dhiùlt an luchd-ceartais am peanasachadh. Air an laimh eile, tha prìs a’ ghuail iosal. Tha na cuideachdan ga ’chumail mar sin, ach tha e cho gann air tàille na strike ’s nach eil ann na riaraicheas na tha ’g iarraidh a cheannach. Tha pàrlamaid nan Stàidean an deigh a’ chìs a thoirt bhar a ghuail, an dòchas gu ’n toir sin air moran dhe tighinn a stigh á Canada ’s á dùthchannan eile. Newfoundland ’s na Staidean. MAR a dh’ aithriseadh cheana, bha còrdadh air a dheanamh eadar riaghladh nan Staidean is riaghladh Newfoundland a thaobh malairt. A réir a’ chòrdaidh sin bha iasg Newfoundland ri leigeil a stigh do na Stàidean saor o chìs, ni a bhiodh na bhuannachd mhor do Newfoundland, oir mheudaicheadh e a margadh. Ach cha d’ aontaich pàrlamaid nan Stàidean ris a’ chòrdadh sin fhathast, agus chunnacas nithean a b’ iongantaiche na ged nach aontaicheadh. Tha luchd nan soithichean-iasgaich an Gloucester ’s am Boston gu mor an aghaidh a chòrdaidh, agus cha ’n eil fhios nach dean iad gnothaichean obrachadh air dhòigh ’s gu ’m bi e air a bhristeadh. Ach ’s olc an cleas nach cluich dithis. Ma theid an còrdadh a bhristeadh faodaidh Newfoundland bacaidhean a chur air na h-iasgairean Geancach a bheir probhaid an iasgaich gu neoni. Faodaidh an riaghlaidh an cumail o bhi ceannach bidh is deighe an Newfoundland, nithean nach eil na ’n comas fhaotainn na ’n dùthaich féin, agus nach urrainn daibh deanamh as aonais. Ma nithear mar sin ris na Geancaich, faodaidh e bhith gu ’n tuig iad gur mò a chailleas na bhuinigeas iad le bhi tuilleadh is sanntach. Naidheachdan. CALL MULADACH—Di-sathairne, an deicheamh latha dhe’n mhios, bha dithis chloinne, mu dheich bliadhna dh’ aois, air am meileachadh gu bàs faisg air Port Felix, an Ghuysboro. BAIS OBANN AN SIDNI—Bha ann an Sidni air a’ bhliadhna ’n uiridh leth-cheud is cóig bàs obann air am b’ fheudar cùirt coroner a chumail. Dhe ’n àireamh sin bha sia deug air fhichead air am marbhadh le sgiorraidhean; bha seachdnar air am bàthadh; chuir dithis làmh na ’m beatha fein; chaochail sianar le tinneas-cridhe; a dithis le meileachadh; agus bha dithis air an tilgeadh. COMHAIRLE NA SIORRACHD—Tha Comhairle na Siorrachd cruinn anns a’ bhaile so o thoiseach na seachdain s’a chaidh. Air a bhò-’n-uiridh chuireadh suas tigh-cùrtach a tha na thogalach gle chreideasach do ’n t-siorrachd. Am bliadhna thatar an dùil tigh-caothaich a thogail, tigh air am bheilear feumach, oir tha ’n tigh a th’ aca ’n dràsda tuilleadh is beag, agus air mir ro bheag de dh’ fhearann. TILGEADH AIG AN RESERVE—Bha fear Dick Power a mhuinntir an Reserve air a thilgeadh le Fred Ritter aig an aite sin oidhche Di-sathairne s’a chaidh. Bha Ritter na fhear-coimheid ’san t-seòmar-fheitheamh aig an junction, agus bha Power is triùir no ceithrir eile a’ cur dragh air. Dh’ fheuch e ri ’n cur air falbh, ach thionndaidh iad air, ’s anns an t-sabaid tharruing esan daga ’s loisg e air Power. Chaidh am peileir na ’chom, ga ’leònadh gu dona, ach tha na dotairean dhe’n bharail gu’m faigh e thairis air. Tha Ritter ri bhi air fheuchainn aig a’ chùirt mhoir, ach o’n rinn e ’n tilgeadh ga ’dhion fein, ’s e ’s dòcha nach cuirear peanas sam bith air. SUIDHE NA PARLAMAID—Bidh an àrd-phàrlamaid a’ fosgladh ann an Ottawa air an naodhamh latha deug dhe ’n ath mhios. Tha dùil gu’m bi an suidhe so dhe ’n phàrlamaid na ’suidhe iomraiteach. Tha gnothaichean cudthromach ri bhi air an toirt fa ’comhair a dhùisgeas moran cònsachaidh, agus cha’n eil mor dhùil gu’n sgaoil i an taobh stigh de shia miosan. MU “CHOGAR-ADHAIR”—Cha d’ fhuair sinn gu ruige so leasachadh sam bith air an ainm so ach a mhain ‘d’ a chur an àite ‘t’ ’san leth mu dheireadh dheth. Thatar a’ deanamh sin air son am facal a chumail eadar-dhealaichte o’n fhacal ‘athair’—father—’s bhiodh sin feumail, oir tha fhios againn gu bheilear air uairean ga mhi-thuigsinn ’san dòigh sin—a’ gabhail aon an àite ’n aoin eile. DUINE AIR CHALL—Tha fear Uilleam Robertson air chall á Whitney Pier o chionn còrr is mios, ’s cha’n eil gu ruige so fhios gu dé dh’ eirich dha. Dh’ fhàg e roinn dhe ’thuarasdal gun tarruing far an robh e ’g obair, agus dh’ fhàg e ciste làn aodach ’san tigh ’san robh e ’bòrdadh. Bu Shasunnach e, a chuir roinn dhe ’bheatha seachad ’san arm. Bha e da fhichead is coig bliadhna dh’ aois. AIR A SHAORADH—Air an naodhamh latha dhe’n mhios, chuireadh crioch air a chùirt aig an robhtar a’ feuchainn Bhrooks, an duine dubh a bha air a chur an greim air-son fear Scott a mharbhadh aig bàl dannsa ’sna Coke Ovens. A reir sgeul nam fianuisean, thilg Brooks am fear eile ga ’dhion fhein: bha am britheamh ’s an jury dhe ’n bharail sin, agus chaidh an duine shaoradh. CUISEAN-RIAGHLAIDH ONTARIO—Bha Riaghladh Ontario, o chionn àireamh mhios air ais, air clach-an-turramain: cha robh fhios co ’n taobh a dh’ fhaodadh a bhi air an stiùir. Bha da fhear pàrlamaid a bharaachd aig taobh an Rosaich, na Liberals, ach aig taghaidhean a bh’ ann an tri siorrachdan air an t-seachdamh latha dhe ’n mhios so, choisinn iad a tri eile, air chor ’s gu bheil iad a nise coignear ni ’s làidire na ’n taobh eile. Ach tha da shiorrachd eile fosgailte fhathast, agus ma theid iad sin na ’n aghaidh, bidh cùisean a’ dol gu h-olc leotha rithist. Air an laimh eile, ma theid iad leotha bidh e na neartachadh mor dhaibh. SLAINTE SIR WILFRID—Tha caochladh sgeòil aig na paipeirean naidheachd mu shlàinte Sir Wilfrid Laurier. Cha’n eil teagamh sam bith nach robh e gu math tinn a’ tilleadh á Breatunn toiseach an fhoghair s’a chaidh, agus b’ ann airson a shlàinte a thug e cuairt do na Stàidean. A nis, an deigh dha tilleadh, tha cuid de na paipeirean ag radh gu bheil e ga ’fhaotainn fhein gu math, agus tha cuid eile ’g radh nach eil. Bhiodh e na bhuille ghoirt do ’n phàirtidh a tha air stiùir an riaghlaidh na ’n tigeadh air Sir Wilfrid a dhreuchd a leigeadh uaithe. Tha obair chruaidh an co-cheangal ris an dreuchd sam bheil e, agus cha b’ ioghnadh idir ged bhiodh a neart a fàilneachadh. GEAMHRADH SEANN-FHASANTA—Tha an geamhradh a th’ againn am bliadhna ni’s fuaire na aon a thainig o chionn àireamh bhliadhnachan. Tha sneachd air an làr roinn mhath dhe ’n ùine o’n thainig e, ’s aig an àm so tha deagh rathad sleighe ann. B’ ann Di-luain s’a chaidh a dh’ fhàs deigh acarsaid Shidni cho làidir ’s gu ’n do chuir i stad air na batachan-aiseig, ach bha deigh mhath air na lochan ’s air na h-aibhnichean o chionn treis a dh’ ùine. Cha mhisde sinn idir an geamhradh a bhi fuar reòta, coltach ris na geamhraidhean mora b’ àbhaist a bhi againn ’san dùthaich so o chionn fhada. ’S e ’n reothadh moran a’s fallaine aig an àm so dhe’n bhliadhna na ’n t-sìde bhog fhliuch a bha againn cho tric o chionn àireamh bhliadhnachan. BAS AIR AN RATHAD MHOR—Maduinn Di-dòmhnaich an aonamh latha deug dhe’n mhios, fhuaireadh fear Alasdair Mac-a-Mhaighstir marbh air an rathad mhor aig Abhainn Inhabitants. Bha e ann am Port Hawkesbury feasgar Di-Sathuirne, agus bha ’n oidhche anabarrach reòta. Thatar a’ deanamh mach gu ’n d’ thainig e bhar na sleighe air-son blàths a chur air fein a’ coiseachd, ach gu robh e air a mheileachadh cho mor ’s nach b’ urrainn da sin a dheanamh ’s gu’n do chaochail e mu’n d’ thainig an latha. Bha e gu math faisg air a dhachaidh fein, agus bha an t-each ’s an t-sleighe astar beag o’n àite ’san d’ fhuaireadh e. Bha e na dhuine stuama, deanadach, air an robh deagh mheas anns a’ choimhearsnachd. Bha e da fhichead bliadhna dh’ aois; ’s dh’ fhàg e bantrach is triùir de chloinn bhig. AIRGIOD AIR-SON DOCHAINN—Bha fear Pendergast a mhuinntir a’ Bhras d’Oir Bhig air a ghoirteachadh ’san fhoghar s’a chaidh le carbad a ruith thairis air. Chuir e ’n dithis dhaoine bha ’sa charbad ’san lagh, agus fhnair e o chionn ghoirid breth na ’n aghaidh a thug orra $275.00 a phàigheadh dha air-son a ghoirteachaidh.—Aig an àm cheudna fhuair fear Seumas Day $850.00 bho chuideachd an iaruinn air-son goirteachadh a fhuair e aig Abhainn Sheorais ag obair am mèinn-chloiche do’n chuideachd. Bheir beagan chàsan dhe’n t-seòrsa so air muinntir a bhi ni’s faicilliche do thaobh muinntir eile, co-dhiu bhios iad rompa air an rathad-mhor no ag obair dhaibh. Sgith de Chogadh. Tha sinn a’ dol a steach do chùirtean na Bliadhn’ Uir le sìth nach robh againn an uiridh. Ach cha’n ’eil sinn uile saor o oibreachan cogaidh. Thàinig sìth gu raointean farsuinn ann an Africa mu dheas; ach ann an Africa mu’n ear-thuath tha trioblaid a’ rìgheachadh eadar na nàistnich agus sinn féin. ’Se obair bhrònach thruagh a tha an so, nach sgìthich slòigh a’ chruinne-ché de a bhi a’ marbhadh agus a’ mort càch a chéile. O cheann beagan bhliadhnachan bha dùil choitcheann am measg mòran ’san t-saoghal gu ’n tigeadh cogaidhean uile ann an ùine gheàrr gu crìch. Cha robh an so ach dùil mheallaidh. Tha e nis soilleir nach robh spiorad na còmhstri, an fharmaid, agus an t-sannt riamh ni ’s làidire na tha e an diugh. Gheibhear an spiorad so ag oibreachadh gu sònruichte ann a bhi deanamh greim air an fhearann anns gach ceàrn de ’n t-saoghal, agus ann an cùisean malairt. A réir coslais cha’n ’eil teagasg nan eaglaisean ach car fann a thaobh an spioraid so. Ach bidh an dochas a ghnàth ag éiridh anns a’ chridhe nach ’eil aoisean na fior shìth fad ás; gu’n tig an t-àm anns am bi bràithreachas mar a sheinn eadhon Burns féin a’ buadhachadh am measg a’ chinne-dhaonna.—Oban Times. Garbh Mac Stairn agus Dual. Dh’ imich Garbh mac Stairn agus Dual a dh’ fhaicinn Fhinn agus a threun fheara colgach, iomraiteach ann an gniomharaibh arm. Bha Fionn ’s an àm sin ’n a thigheadas samhraidh am Buchannti. ’N an turus d’a ionnsuidh, ghabh iad beachd air gach gleann agus faoin mhonadh, air gach allt agus caol choirean. Ghabh iad sgeul de gach coisiche agus gach fear a thachair ’n an còir. Ann an gleann nan cuach agus nan lon, chunnaic bùth taobh sruthain; chaidh a steach, dh’ iarr deoch; dh’ eirich ribhinn a b’ àluinne snuadh a dh’ fhàilteachadh an turuis le sìth. Thug i biadh dhaibh r’a itheadh, dibhe ri h-òl; dh’ iarr sgeul le cainnt thlà. Bhuail gaol o a sùil an Garbh borb, agus dh’ innis cia as daibh. “Thainig sinn o thìr nan crann, far an lionmhor sonn—mac righ Lochlann mise—m’ ainm Garbh na ’m b’ aill leat—esan Dual, o thìr nam beann, a thuinich an Albainn o thuath—a ghabhail cairdeis gun sgàth agus aoidheachd o ’n àrd righ Fionn, sid fàth ar turuis, a chiabh na maise—ciod am bealach am buail sinn? seol ar cas gu teach Fhinn, bi dhuinn mar iùl, is gabh duais.” “Duais cha do ghabh mi riamh,” ars an nighean bu bhlàithe suil ’s bu deirge gruaidh; “cha b’ e sid abhaist Theadhaich nam beann éilde, ’g am bu lionmhor dàimheach ’na thalla, ’g am bu tric tathaich o thuath—ni mise dhuibh iùl.” Gu gleann-sìth tharladh na fir; gleann an tric guth feidh is loin; gleann nan glas charn is nan scor; gleann nan sruth ri uisg is gaoith. Thachair orra buaghar bho, is rinn dhaibh iùl; thug daibh sgeul air dùthaich nan creag, air fir agus air mnaibh, air fàs shliabh agus chàrn, air neart feachd, air rian nan arm, air miann slòigh, agus craobh-thuinidh nam Fiann. [TD 115] [Vol. 11. No. 15. p. 3] LITIR A ALBA. FHIR MO CHRIDHE,—Tha ’n t-àm agam a nis làmh a thoirt air a’ pheann agus sgrìobag no dhà a chur g’ ad ionnsuidh. Ach is gann gu ’m bheil fhios agam gu ro mhath ciod a their mi, no cia mar a thòisicheas mi. Tha mi dìreach mar is minic a bha mi an uair a rachainn do ’n ghàradh toiseach an earraich ann an dùil ri teannadh ri obair. An uair a chithinn gu ’n robh fichead rud feumach air làmh a thoirt air, sheasainn agus mo dhà laimh air mo chulaobh, agus is gann gu ’n dùiriginn làmh a chur ann an car. Ach an uair a smaoinichinn uair no dhà air a liuthad car a bha ri dheanamh, thoisichinn air an obair a shaoilinn a b’ fheumaiche bhith air a deanamh an toiseach. Chaidh a’ ghàradaireachd gu mòr ’nam aghaidh air a’ bhliadhna so; agus a dh’ innseadh na firinn dhutsa, cha robh sunnd orm gu sgrìobhadh ugad fhein no gu neach sam bith eile. Leis cho mi-fhàbharrach ’s a bha ’n t-sìde air son obair gàraidh, cha robh mi ’faighinn air aghart leis an obair a leith cho math ’s bu mhiann leam. Tha fhios aig gach aon a tha suas ri obair ann an gàradh nach ’eil e math a bhith ’cladhach anns a’ ghàradh ri sìde fliuch. Tha ’n talamh a’ laidhe air a chéile leis an uisge, agus, ann an ùine ghoirid, a’ fàs a’ cheart cho cruaidh agus cho teann ri tràigh. Agus mu dheidhinn a bhith ’cur fhrasan meanbha, laga ann an gàradh ri sìde fliuch, fuar, cha bhiodh ann ach, mar a thuirt am facal, “saothair an dagha.” O ’n a bha ’n t-sìde cho mi-fhàbharrach, bha mi car fada gun na frasan a chur, agus o ’n a bha ’n t-sìde a’ fuireach glé fhuar, bha iad fada gun tighinn troimh ’n talamh. Ged a bha ’n t-earrach fuar, cha b’ e an samhradh mòran bu bhlàithe. Ach gun a bhith ’g ràdh mòran tuilleadh mu ’n t-sìde, faodaidh mi ràdh nach robh an gàradh agam riamh fhathast cho fad’ air ais ’s a bha e am bliadhna, ged a bha mi ’g obair na bu trainge na bha mi bliadhna riamh roimhe. Agus tuigidh tu fhéin glé mhath nach urrainn sunnd a bhith air duine gu sgrìobhadh an uair a bhios e air a shàrachadh ag obair a h-uile latha, agus an obair a’ sior-dhol ’na aghaidh. Ach gus an fhìrinn ghlan innseadh dhut, cha tugadh e mòran ùine dhiomsa no de dh’ fhear eile, litir ghoirid a sgrìobhadh ugad. Agus ni na litrichean goirid, ma ruigeas iad thu gu math tric, a’ cheart uiread a dh’ fheum dhut air a’ cheann mu dheireadh ’s a ni na litrichean fada mur ruig iad thu ach ainneamh. O nach ’eil na ’s fhearr agam ri innseadh dhut an diugh, innsidh mi dhut naigheachd bheag a leugh mi o chionn ghoirid mu dheidhinn gàradaireachd. Bha fear ann an Sasunn aon uair aig an robh gàradh math anns an robh gach seòrsa de chraoibh mheasan a’ fàs, a dh’ fhàsadh anns an àite. Bha e pòsda, ach cha robh teaghlach idir aige. Ri ùine thòisich na craobhan ri dhol air an ais, agus bha ’n toradh a bha e ’faotainn uapa a’ dol na bu lugha o bhliadhna gu bliadhna. Mu dheireadh bha e air thuar a bhith gun dad leis an cumadh e e-fhéin agus a bhean suas. Bha e air fàs sean, agus nan rachadh an gàradh buileach glan ’na aghaidh, bha eagal air gu ’m biodh e-fhein agus a bhean anns a’ bhochdainn ann an deireadh an làithean, o nach robh e suas ri obair sam bith eile ach gàradaireachd. Bha so iomadh uair ’g a chur o chadal na h-oidhche. Air oidhch’ àraidh, mu dheireadh an fhoghair, chunnaic e aisling: ar leis gu ’n robh e ag obair anns a’ ghàradh, agus gu ’n d’ thainig seann duine liath far an robh e. “Seadh, Iain,” ars’ esan, “tha thu ’g obair gu trang. Tha mi ’faicinn gu ’m bheil na craobhan a’ dol air an ais gu mòr o bhliadhna gu bliadhna. Ach ma chladhaicheas tu fo bhonn na craoibhe ud thall (agus e ’comharrachadh am mach té dhe na craobhan dha le ’laimh) gheibh thu crogan òir foidhpe, agus cumaidh na th’ ann thu-fhein ’s do bhean o ’n bhochdainn fhad ’s a bhios sibh beò.” Ghrad dhùisg Iain, agus bha ’n aisling cho ùr ’na inntinn ’s ged a chitheadh e an seann duine as a dhùsgadh. Dh’ innis e an aisling do ’n mhnaoi; ach cha do ghabh i suim sam bith dhi. Dh’ éirich Iain cho luath ’s a thàinig an latha gus a dhol a chladhach aig bonn na craoibhe; ach gu mi-fhortanach cha b’ urrainn e a chuimhneachadh, an uair a chaidh e do ’n ghàradh, cò a’ cheart chraobh a chomharraich an seann duine am mach dha. Ach thuirt e ris fhein gu ’m feumadh gu ’n robh an t-òr fo bhonn té dhe na craobhan co dhiubh; agus mar sin thòisich e gu dichiollach ri cladhach, ged a bha a bhean a’ trod ris a chionn nach do chum e ’na chuimhne a’ chraobh cheart. Bha teanga na mnà aig Iain cho fada ’s nach b’ urrainn di gu ’n innseadh do na bana-choimhearsnaich gu ’m fac’ e an aisling; agus mar sin fhuair an dùthaich fios m’a dheidhinn. Bha h-uile duine ’smaointean nach robh ann an Iain ach dearg amadan an uair a bheireadh e géill sam bith do dh’ aisling fhaoin na h-oidhche; agus gu math tric thigeadh cuid dhe ’n t-sluagh a bha faisge dha thun a’ ghàraidh far an robh e ’cladhach gu trang, agus ’fhallus ’g a dhalladh, agus bheireadh iad greis air magadh air. Cha robh de dh’ aobhar-bruidhne agus de cheòl-spòrs anns an àite ach Iain agus an obair a bh’ aige; ach bha Iain ’g a dheanamh fhein cho cinnteach gu ’n robh an t-òr fo thé air choireiginn dhe na craobhan ’s gu ’n do chuir e roimhe gu ’n cladhaicheadh e fo bhonn a h-uile té dhiubh, ged a bha mòran de mhuinntir an àite ’tighinn a h-uile feasgar thun a’ ghàraidh a mhagadh air. Ach an déigh dha corr is mios a thoirt air cladhach fo bhonn nan craobhan, agus timchioll orra, cha d’ fhuair e an crogan òir. Agus, mar a dh’ fhaodar a chreidsinn, bha tàmailt nach bu bheag air, araon a chionn gu ’n do chosg e uiread dhe ’ùine a’ cladhach mu na craobhan, agus mar an ceudna, a chionn gu ’n robh muinntir an àite a’ magadh air, agus a’ deanamh ceòl-spòrs dheth. Coma co dhiubh, cha robh leasachadh air a’ chùis; agus, mar a thuirt e-fhein uair is uair, cha deanadh an saoghal feum mur biodh iomadh amadan ann. Cha robh daoine a’ tuigsinn ciod a bha e ’ciallachadh an uair a thuirt e so. Ach thuirt e riutha: “Tha gliocas is amaideas mu choinneamh a chéile mar a tha solus is dorchadas, teas is fuachd, geal is dubh. Cha b’ urrainn duinn a ràdh gu ’n robh duine glic ann mur biodh amadan idir ann. Agus is ann air na h-amadain a tha mòran dhe na daoine glice a’ tighinn beò. Am fear nach ’eil ’na amadan uair is uair, tha e do ghnàth ’na amadan.” Ri ùine chaidh guth-thairis air Iain ’s air an obair a bh’ aige anns a’ ghàradh. Bha ’n talamh a dhùisg e o bhonn nan craobh ’na thorran ann an sid; agus o nach robh cabhag sam bith air Iain gus an talamh a chur na àite fhein, thainig an reothadh ’s an sneachda, agus cha robh aige ach leigeadh leis na craobhan a bhith mar a bha iad. An uair a thainig greis dhe ’n earrach a steach, smaoinich e gu ’m b’ fhearr dha an talamh a shocrachadh mu bhonn nan craobh, a chum nach biodh an gàradh ’na chùis-mhagaidh agus ’na chùis-bhruidhne aig luchd-falbh an rathaid. Bha e ’ga dheanamh fhein cinnteach gu ’n robh na craobhan o fheum co dhiubh an déigh na bhrist e dhe na freumhan aca, agus an déigh dhaibh a bhith cho fada fo ’n reothadh ’s fo ’n t-sneachda. Coma co dhiubh, an uair a thainig an t-àm thòisich na craobhan ri tighinn fo dhuilleach gu briagha; ach cha do chuir so annas sam bith air Iain. Bu ghnàth leotha a bhith fo dhuilleach gu leòr fad bhliadhnachan roimhe sid, ged nach robh iad a’ toirt am mach a’ bheag de thoradh. Ach an déigh an duillich thàinig iad fo bhlàth na bu bhriagha agus na bu ghealltanaiche na chunnaic e iad fad iomadh bliadhna roimhe sid. Chuir so car de dh’ ioghnadh air; ach air a shon sin cha do smaoinich e gu ’m biodh toradh sam bith orra. An uair a thainig àm an toraidh, bha gach craobh cho trom le toradh ’s gu ’m b’ fheudar dha maidean a chur ri taic cuid dhe na meanglain a chum an cumail o thuiteam air an talamh. Sin an uair a thuig e gu ’n do choisinn e mòran a bharrachd air làn crogain a dh’ òr an uair a chladhaich e mu ’n cuairt air na craobhan. Thuig e gu ’m b’ e an rud a chum na craobhan o bhith ’toirt toraidh am mach fad àireamh bhliadhnachan roimhe sid, gu ’n robh an talamh air fàs tuilleadh is teann mu na freumhan aca. Tha ’n sgeul fìrinneach so a’ teagasg dhuinn gur fheairrd na gàraidhean againn a bhi ’g an cladhach gu math tric, agus gu math domhain. Tha so fìor cha ’n ann a mhàin gu h-aimsireil ach mar an ceudna gu spioradail. Cha mhisde a h-aon dhinn na briathran so a labhair an t-Ard-mhaighstir ris a’ ghàradair a thoirt fa near le cùram: “Bha aig duinne àraidh crann-fìge suidhichte ’na ghàradh-fiona: agus thàinig e ag iarraidh toraidh air, agus cha d’ fhuair e. An sin thuirt e ris a’ ghàradair, Feuch, tha mi ré thri bliadhna a’ teachd a dh’ iarraidh toraidh air a’ chrann-fhìge so, agus cha ’n ’eil mi faighinn a’ bheag: gearr sìos e, c’ar son a tha e ’fàsachadh na talmhainn? Agus fhreagair esan, agus thubhairt e ris: A Thighearna, leig leis air a’ bhliadhna so mar an ceudna, gus an cladhaich mi m’a thimchioll, agus gu ’n cuir mi aolach m’a bhun: agus ma ghiùlaineas e toradh, is math sin: ach mur giùlain, ’na dhéigh sin gearraidh tu sios e.”—Lucas xiii. 6—9. Bidh a’ bhliadhna so seachad mu ’n teid an litir so tarsuinn a’ Chuain-an-Iar, agus bidh seachdain no dhà seachad dhe ’n ath-bhliadhna mu ’n ruig i do luchd-leughaidh. Bheir thu beannachdan uamsa g’ an ionnsuidh uile. Tha mi ’g aideachadh gu ’m bheil meas a’ bharrachd agam air luchd-leughaidh a’ MHIC-TALLA na th’ agam air na Gaidheil eile. Gu ma fada beò iad ’s ceò as an taigh. Bliadhna mhath ùr dhaibh, agus moran dhiubh. Is mi do charaid an là a chi ’s nach fhaic. BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh-an-Locha, Oidhche Nollag, 1902. Chuir òganach còir, àbhachdach, a’ cheist roimhe so ri seann mhaighdinn uasail, a bha air an taobh thall de leth-cheud, agus thubhairt e rithe, “Ciod i do bharail-sa a nis, a bhean-uasal, urramach, mu thimchioll pòsaidh?” “Mu thimchioll pòsaidh,” ars’ ise, “tha e ceart cosmhuil ri euslainte sam bith eile, an uair a tha beatha ann, tha dòchas.” Tha moran air am mealladh a thaobh saoibhreis. Tha dùil aig na daoinibh saoghalta, amaideach, farmadach nach ’eil sonas r’a fhaotuinn air uachdar an talmhainn, ach ann an airgiod agus òr. Ach tha mealltaireachd na barail so aithnichte dhoibhsan uile aig am bheil cinn gu smuaineachadh, agus cridheachan gu mothuchadh. Tha tuigse an duine a tha da rireadh glic mar ghloine. Leigidh i stigh solus nèimh agus a ris leigidh i air ais e. [TD 116] [Vol. 11. No. 15. p. 4] AN CEANNAICHE EADAILTEACH. Bha an sgeul so air a h-innse air tùs le Uilleam Shakespeare, agus chuireadh ann an rosg i le Tearlach Lamb, ùghdar cliùiteach a rinn an ni ceudna ris an àireamh a’s motha de na dàin-cluich a bhàird ainmeil ud. Chaidh eadar-theangachadh gu Gàilig le Iain Mac-Illebhàin, an Ionarnis. BHA Iudhach d’ am b’ ainm Shylock a chòmhnuidh ann am baile-mor Venice, anns an Eadailt; bha e ’n a dhuine ro shanntach, agus le bhi a’ cur a chuid airgid a mach air riadh àrd am measg nan ceannaichean Criosdail chuir e beairteas mor cruinn. Bha Shylock ’n a dhuine cruaidh-chridheach agus fuathasach teann ann an tagar air ais ’airgiod-iasaid; bha, uime sin, fuath nach bu bheag aig a’ h uile duine ceart, cothromach dha, agus gu sònraichte aig Antonio, ceannaiche òg a bha anns a’ bhaile; agus bha neo-ar-thaing uiread fhuath aig Shylock dhàsan, oir bha e ’n a chleachdadh aige airgiod a thoirt do dhaoine air choingheall agus cha ’n iarradh ’s cha ghabhadh e riadh bho dhuine; bha, leis a so, gamhlas nach robh faoin eadar an t-Iudhach sanntach so agus an ceannaiche iochdmhor Antonio. Cha robh uair a thachradh Antonio air an Iudhach aig a’ mhargadh nach biodh e ’g a thàmailteachadh le bhi ’tilgeil air a chuid réidh agus a chleachdainnean spìocach, cruaidh; rud ris an éisdeadh an t-Iudhach gu ciùin, macanta, na ’m b’ fhior, am feadh ’s a bha e aig a’ cheart àm a’ cur roimhe gu ’m biodh dioghaltas aige. Cha robh air an t-saoghal duine a bu choibhneile agus a bu ghloine na Antonio, no fear a bu chùirteile ’n a ghluasad; a dh-aon fhacal, cha robh ’san Eadailt gu leir duine anns am faicteadh tuilleadh de mhòralachd nan seann Ròmanach. Bha e fo mhor ghràdh aig muinntir a’ bhaile; ach b’ e Bassanio, flath òg Eadailteach, caraid a bu dlùithe d’ a chridhe. Bha aig Bassanio oighreachd bheag, ach mar is minig a thachras do dhaoine òga aig a bheil inbh àrd ’s gun ach sporan beag, chaidh e roimh ’chuid maoin le caithe-beatha cosdail os cionn a chomais. An uair a bhiodh Bassanio gann de dh-airgiod, chuidicheadh Antonio e; bha iad mar nach biodh ach aon chridhe agus aon sporan eatorra. Thainig Bassanio aon latha gu Antonio agus dh’ innis e dha gu ’n robh a rùn air a chor a leasachadh le mnaoi-uasail air an robh e an gaol a phòsadh; gu ’n robh a h-athair marbh, agus gu ’n d’ fhàg e oighreachd mhor aice; gu ’m b’ àbhaist da am feadh ’s a bha a h-athair beò a bhi a’ taghal a tighe, agus gu ’n d’ thug e an aire gu ’n robh i ag amharc air le sùilean gaoil a bha mar gu ’m b’ eadh le teachdaireachd bhalbh ag radh ris gu ’m b’ e ’bheatha tighinn; ach air dha bhi gun airgiod g’a chur fhein ann an uidheam fhreagarraich do dh’ fhear a bha an geall air mnaoi-uasail cho beairteach, ghuidh e air Antonio cur ris gach fàbhar a bhuilich e air roimhe so le tri mìle bonn òir a thoirt da air choingheall. Cha robh an t-airgiod tioram deas aig Antonio a bheireadh e dha aig an àm, ach bha sùil aige ri luingeis làn bathair a bhi dhachaidh gun dàil, agus thuirt e gu ’n ruigeadh e Shylock, an ceannaiche Iudhach, agus gu ’m faigheadh e iasad an airgid uaithe air creideas nan long a bha a’ tighinn gu caladh. Chaidh Antonio agus Bassanio còmhladh a dh-ionnsaidh Shylock, agus dh’ iarr Antonio iasad thrì mìle bonn òir air an Iudhach, aig riadh sam bith a thoilicheadh e, ri bhi air a phàidheadh á luach a’ bhathair a bha ’n a chuid luingeis air a’ chuan. Air a chluinntinn so do ’n Iudhach thuirt e ris fhéin: “Ma gheibh mise cothrom air aon uair mur sàsaich mise an gamhlas a tha agam dha! Tha fuath aige d’ ar cinneach Iudhach; tha e a’ toirt airgid-iasaid a nasgaidh; agus am measg nan ceannaichean anns a’ mhargadh cha ’n ’eil de thlachd aige ach a bhi ga m’ smàdadh a chionn bhi a’ tagar réidh air-son mo chuid iasad. Mallaichte gu ’n robh mo chinneadh mur crean e air!” An uair a mhothaich Antonio gu ’n robh e mar so a’ meòrachadh ris fhein gun fhacal freagairt a’ tighinn uaith, agus esan an cabhaig air-son an airgid, thuirt e, “Shylock, an cluinn thu mi? an toir thu dhomh an t-airgiod a dh’ ainmich mi?” Fhreagair an t-Iudhach, “Antonio uasail, air a’ mhargadh is tric agus cha b’ ainneamh a rinn thu tàir orm air-son mo chuid airgid, agus mo riadh dligheach, agus chuir mi suas leis gu foighidneach, oir is e fulangas suaicheantas ar cinnidh gu léir; agus theireadh tu nach robh annam ach ana-creideach, madadh gràineil, agus thilgeadh tu smugaid thàireil air mo thrusgan Iudhach, agus bhreabadh tu uait mi mar nach biodh agad annam ach cù. Ach a nis, a réir coltais, tha thu am feum mo chuideachaidh; agus thigidh tu am ionnsaidh agus their thu, Shylock, thoir dhomh airgiod. Am bi airgiod aig cù? An urrainn do mhadadh iasad thri mile bonn òir a thoirt do dhuine? An sleuchd mise, nis, gu h-umhal agus an abair mi, A dhuine mhaith, thilg thu smugaid orm Di-ciadain so ’chaidh, aig àm eile thuirt thu madadh rium, agus an éirig do mhodh agus do choibhneis tha mi ’dol a thoirt airgid duit.” Fhreagair Antonio, “Tha e gle choltach gu ’n goir mi an t-ainm ceudna riut a rithist, gu ’n tilg mi smugaid ort, agus gu ’n breab mi uam a rithist thu. Ma ni thu de chomhstath an t-airgiod a thoirt domh, na toir seachad e dhòmhsa mar do d’ charaid, ach mar gu ’n tugadh tu air iasad dhomh e mar do d’ nàmhaid, a los, ma bhristeas mise, gur urrainn duit le aghaidh is fhearr a thagar air ais le costas agus le ùnlagh.” “Faic a nis,” arsa Shylock, “mar tha thu ga d’ chur fhein an corruich. Bhithinnsa càirdeil riut agus bu mhiann leam thu bhi càirdeil rium. Leigidh mi air dhiochuimhne gach tàir a rinn thu orm. Ni mi cobhair air d’ uireasbhuidh, agus cha ’n iarr mi peighinn de riadh air-son mo chuid airgid.” Ghabh Antonio ioghnadh mor ris an tairgse fhialaidh so; agus thuirt Shylock, agus e fathast a’ gabhail air a bhi toileach coibhneas a nochdadh agus gu ’n robh e ga ’dheanamh gu léir air-son gaol Antonio a chosnadh, gu ’n tugadh e dha an tri mile bonn òir agus nach iarradh e peighinn réidh; ach a mhàin so, gu ’n rachadh Antonio leis a dh-ionnsuidh fir-lagha, agus air son àbhachd gu ’n cuireadh e ainm ri gealladh, mur pàigheadh e air ais an t-airgiod air a leithid so a latha gu ’n dioladh e punnd d’ a fheòil, ri bhi air a ghearradh á aite sam bith d’ a chorp a thoilicheadh an t-Iudhach. “Tha mi toileach,” ars’ Antonio; “cuiridh mi m’ ainm ris a’ ghealladh, agus aidichidh mi gu ’m bheil bàighealachd anns an Iudhach an deigh a’ h-uile rud a th’ ann.” Thuirt Bassanio nach leigeadh e le Antonio ainm a chur ri leithid sin de ghealladh air a shon-san; ach coma, chuir Antonio roimhe gu ’n deanadh e e, oir bha e làn chinnteach mu ’n tigeadh latha pàidheadh a gheallaidh gu ’m biodh a luingeis air an ais luchdaichte le luach an airgid thairis a’s thairis. A’ cluinntinn a’ chonnsachaidh a bha eadar an dithis, ghlaodh an t-Iudhach, “O Abrahaim, m’ athair, nach amharusach na daoine na Criosdaidhean sin fhein! tha iad cho cleachdte ri buntainn gu cruaidh ’s gu bheil iad am beachd gu bheil muinntir eile cho dona riutha fein. Guidheam ort, a Bhassanio, innis so dhomh; mur seasadh e a latha, ciod a’ bhuannachd a bhiodh anns a’ gheall domhsa? Punnd de fheoil duine air a ghearradh bharr a choluinn, cha ’n ’eil e cho luachmhor no cho buannachdar ri muilt-fheoil no ri mairt-fheoil. A chosnadh a dheadh-ghean tha mi a’ tairgseadh a’ chàirdeis so: ma ghabhas e e is math; mur gabh, slàn leat.” Mu dheireadh, an aghaidh comhairle Bhassanio, a bha amharusach mu ’n Iudhach, a dh-aindeoin na thuirt e mu ’dheadh-rùn anns a chùis, agus nach robh idir toileach gu ’n cuireadh a charaid e fein fo chunnart a leithid de pheanas gràineil as a leth-san, chuir Antonio ’ainm ris a’ ghealladh, a’ smuaineachadh nach robh e, mar thuirt an t-Iudhach, ach air-son àbhachd. Bha a’ bhan-oighre bheairteach a bha Bassanio a’ cur roimhe a phosadh a chòmhnuidh dlùth do bhaile-mor Venice, aig àite d’ an goirear Belmont: b’ e a h-ainm Portia, agus ann am buaidhean agus maisealachd inntinn agus pearsa cha robh a coimeas ri fhaotainn. An uair a fhuair Bassanio an t-airgiod air-son an do chuir a charaid Antonio e féin fo leithid de chuing, thog e air á Belmont le mor ghreadhnachas, a’ toirt leis mar ghille-cuim lasgaire òg d’ am b’ ainm Gratiano. Shoirbhich gu math le Bassanio anns an t-suiridh, agus gheall Portia ann an ùine ghoirid a ghabhail mar a fear-pòsda. Dh’ aidich Bassanio do Phortia nach robh saibhreas aige agus nach robh aige gu uaill a dheanamh as ach fuil uasal agus sinnsireachd chliùiteach; b’ iad a bhuaidhean fiughantach a ghluais a gaol-se, agus bha beairteas gu leoir aice mar bha gun sùil ri saibhreas le a fear-pòsda, uime sin fhreagair i le màldachd ghrinn, mar bu mhath a b’ aithne dhi, gu ’m b’ fhearr leatha gu ’n robh i mìle uair na bu mhaisiche na bha i, chum ’s gu ’m biodh i airidh air; agus an sin thòisich Portia eireachdail air cur sios oirre fhein, ag radh nach robh innte ach caileag gun fhoghlum, gun sgoil, gun sgil, ach nach robh i fhathast cho sean ’s nach b’ urrainn di ionnsachadh, agus gu ’n cuireadh i i-fein fo ’chùram-san gu bhi air a seòladh agus air a riaghladh leis anns gach ni; agus ars’ ise, “Mi fhein agus na bhuineas domh is leatsa. An dé, a Bhassanio, bha mi am bhaintighearna air an lùchairt àillidh so, am uachdaran orm fhein, agus am bhana-mhaighstir air na seirbheisich sin; ach a nis mo thighearna, is leatsa an tigh so, na seirbheisich sin, agus mi fhein; tha mi ga ’m buileachadh ort leis an fhàinne so;” agus shìn i am fàinne do Bhassanio. Bha Bassanio air a lionadh le taingealachd agus le ioghnadh ri faicinn cho grinn ’s a ghabh Portia uasal, bheairteach ri duine mar bha esan nach robh an seilbh air saibhreas no inbh; cha b’ urrainn e a thoil-inntinn agus a ghràdh do ’n mhnaoi-uasail a chuir a leithid a dh-urram air a chur an ceill ach ann am briathran bristeach gaoil agus buidheachais; a’ cur an fhàinne air a mheur gheall e nach dealaicheadh e ris gu latha a bhàis. Bha Gratiano agus Nerissa, bean-choimhideachd Phortia a’ feitheamh air an triath òg agus air a’ mhnaoi-uasail an uair a thug Portia a gealladh cho suilbhear gu ’m biodh i ’n a céile ghaoil aig Bassanio; agus ghuidh Gratiano gach sonas agus àgh do ’n chàraid ghrinn, aig a’ cheart àm ag iarraidh cead a bhi air a phòsadh e fein air an aon latha riuthasan. “Le m’ uile chridhe, a Ghratiano,” arsa Bassanio, “ma dh’ amaiseas tu air leannan.” Thuirt Gratiano ris gu ’n robh e an gaol air Nerissa, bean-choimhideachd na mnaoi-uaisle Portia, agus gu ’n do gheall i gu ’m pòsadh ise esan na ’n gabhadh Portia Bassanio. Dh’ fheòraich Portia de Nerissa an robh so fior. Fhreagair Nerissa, “Ma ’s e ur toil e, tha e fior, cha ’n ’eil d’ ar dìth ach ur cead fein.” Dh’ aontaich Portia gu toileach, agus thuirt Bassanio gu cridheil, [TD 117] [Vol. 11. No. 15. p. 5] “A Ghratiano, cuiridh do bhanais am barrachd urraim air a’ chuirm-bhainnse againne; mo bheannachd oirbh.” Bha sonas nan càraidean grinne air a bhristeadh gu dòlasach ann am meadhan na h-iomairt so, le teachdaire a thainig orra a’ giulan litreach bho Antonio a’ cur an ceill naidheachd ro bhrònach. An uair a leugh Bassanio litir Antonio mhùth e neul, air alt ’s gu ’n do shaoil Portia gu ’n d’ fhuair e fios mu bhàs caraid ghaoil air chor-eigin; agus mar dh’ fheòraich i ciod an sgeul a chuir a’ leithid a mhulad air, fhreagair e, “A Phortia mo ghaoil, so agad briathran is mi-thaitniche a thainig riamh o bharr pinn. A bhean-uasal mo rùin, an uair a dh’ aidich mi mo ghaol duit an toiseach dh’ innis mi gu saor gu ’n robh na bh’ agam de bheairteas a’ ruith ann am chuisle; ach bu choir dhomh ’s an àm innseadh a thuilleadh air sin gu ’n robh mi na bu bhochda na ged nach biodh dad idir agam, gu ’n robh mi ann an ainbheach.” Chuir Bassanio an sin an ceill do Phortia gach ni a tha air aithris an so, mar fhuair e airgid coinghill bho Antonio; mar fhuair Antonio bho Shylock an t-Iudhach e; mu ’n ghealladh ris an do chuir Antonio ’ainm, gu ’n tugadh e punnd d’ a fheòil fein do ’n Iudhach mur paidheadh e an t-airgiod air an latha a chaidh a shocrachadh, agus an sin leugh Bassanio litir Antonio, mar a leanas: “A Bhassanio, a dhuine mo ghaoil, tha mo luingeis uile air an call, feumaidh mi an t-unlagh iocadh do ’n Iudhach; agus a thaobh gur aocomasach e mi bhi beo an deigh sin a dheanamh, bu mhath leam d’ fhaicinn an am mo bhais. Ach dean an rud a chi thu freagarrach; mur toir do ghradh dhomhsa ort tighinn, na tugadh mo litir ort.” “M’ fheudail de na feara,” arsa Portia, “cuir gach gnothach troimh do lamhan gun dail agus tog ort; bheir mi dhuit de dh-òr na phaidheas an t-ùnlagh ged bhiodh e fhichead uiread ’s a tha e, mu ’m fuiling mi gu ’n cailleadh an caraid caomh so fuiltean d’ a cheann air-son mo Bhassanio; agus a chionn gu ’m bi mi air prìs cho mor a phaidheadh air do shon, bidh an tuilleadh gaoil agam ort.” Thuirt Portia an sin gu ’m pòsadh i Bassanio mu ’m falbhadh e, a los gu ’m biodh còir dhligheach aige air an airgiod; agus an latha sin fein chaidh am pòsadh. Chaidh Gratiano aig a’ cheart àm a phòsadh ri Nerissa; agus thog Bassanio agus Gratiano orra ann an cabhaig do bhaile Venice far an d’ fhuair Bassanio Antonio bochd ann am prìosan. Bha an latha air an robh aige ris an airgiod a phàidheadh air dol seachad, agus dhiult an t-Iudhach an-iochdmhor an t-airgiod an uair a thairg Bassanio dha e; cha ghabhadh e ni sam bith ach punnd de fheòil Antonio. Chaidh latha a shuidheachadh air-son na cùise a thoirt air a h-aghaidh aig mòd an làthair Dhiùc Venice, agus bha Bassanio a’ feitheamh latha na cùirte fo chùram agus fo iomacheist mhóir. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. XIV. AN uair a sheall Aladin gu curamach air feadh a h-uile seomar a bh’ anns an luchairt, agus gu h-araidh air an t-seomar air an robh na ceithir uinneagan fichead, agus a chunnaic e gu ’n robh a h-uile rud ann an ordugh cho coimhlionta ’s a b’ urrainn a bhith, thuirt e ris an fhathach: Fhathaich, cha ’n urrainn duine ’bhith na ’s riaraichte na tha mise leis a h-uile rud a rinn thu; agus gu dearbh is ann gun naire a bhithinn nam faighinn coire do na rinn thu. Cha ’n ’eil gun deanamh ach aon rud air an d’ rinn mi-fhin dichuimhn; agus is e sin, lar-bhrat de bhelbhet ghrinn a chur o dhorus luchairt an righ gu dorus an t-seomair anns am bi nighean an righ a’ fuireach, a chum gu ’n coisich i air.” Chaidh am fathach as an t-sealladh anns a’ mhionaid, agus gun dail bha ’n lar-bhrat air a sgaoileadh mar bu mhiann le Aladin. Agus an sin thug am fathach dhachaidh e mu ’n d’ fhosgladh geatachan luchairt an righ. Anns an àm thainig dorsairean an righ a dh’ fhosgladh geatachan na luchairt, agus cha robh fhios aca ciod a theireadh iad an uair a thug iad an aire gu ’n robh lar-bhrat air a leagadh o ’n dorus a dh’ ionnsuidh na luchairt a bha iad a’ faicinn astar beag air falbh; agus cha b’ urrainn daibh idir a thuigsinn cia mar a bha e comasach gu ’m biodh a leithid de dh’ aitreibh air a togail re na h-oidhche. Bha fhios is cinnt aca nach robh an luchairt no ’n lar-bhrat ann an latha roimhe sid. Sgaoil an naigheachd iongantach so air feadh na luchairt ann an tiotadh. An uair a thainig an t-ard-chomhairleach do ’n luchairt beagan uine an deigh na geatachan fhosgladh, cha b’ e fhein dad bu lugha ioghnadh. Chaidh e anns a’ mhionaid far an robh an righ, agus dh’ fheuch e ri thoirt air a chreidsinn nach robh ann gu leir ach draoidheachd. “Ach ard-chomhairlich,” ars’ an righ, “c’ar son a tha thu ’g radh gur e draoidheachd a th’ ann? Tha fhios agad cho math ’s a th’ agamsa gur e ’th’ ann luchairt a thog Aladin. Thug mise dha cead a togail, a chum gu ’m biodh mo nighean a’ fuireach innte. An deigh nan dearbhaidhean a fhuair sinn roimhe so gu ’m bheil e anabarrach saoibhir, an cuir e ioghnadh oirnn ged a chaidh aig’ air an luchairt a thogail ann an uine cho goirid? Tha toil aige ioghnadh a chur oirnn, agus a leigeadh fhaicinn dhuinn gu ’n teid aig daoine air moran de nithean annasach a dheanamh le airgiod ullamh a h-uile latha. Aidich dhomhsa gu saor gur e an t-eud agus am farmad a tha ’toirt ort a bhith ’g radh gur e draoidheachd a th’ ann.” Bha ’n tuilleadh comhraidh air a bhith eatorra mur b’ e gu ’n robh an t-am aca dhol do ’n chomhairle. An uair a thug am fathach Aladin dhachaidh, bha ’mhathair an deigh eirigh, agus a’ cur uimpe aon dhe na trusgain riomhach a thugadh g’ a h-ionnsuidh. Mu ’n am anns an robh a’ chomhairle ’sgaoileadh bha i deiseil gus a dhol do ’n luchairt agus na searbhantan maille rithe. Dh’ iarr Aladin oirre a radh ris an righ, nam faiceadh i e, gu ’n d’ thainig i a chum gu ’m biodh a dh’ urram aice gu ’m falbhadh i do ’n luchairt ann an cuideachd na bana-phrionnsa an uair a thigeadh an oidhche. Dh’ fhalbh i fhein agus na searbhantan an uair a bha iad deiseil; agus ged a bha iad ann an eideadh anabarrach riomhach, gidheadh cha robh moran ioghnaidh aig an t-sluagh a bh’ air na sraidean dhiubh, oir bha srol air aghaidh gach te dhiubh, agus bha aodaichean-uachdair orra a bha ’falach nan trusgan riomhach a bh’ umpa. Chuir Aladin cul ris an taigh anns an d’ rugadh ’s an do thogadh e, agus mharcaich e air falbh, agus a chuid sheirbhiseach maille ris mar a rinn e an latha roimhe sid, agus rainig e luchairt an righ. Ach cha d’ rinn e dichuimhn air a’ chruisgean a bha cho feumail dha, agus a thog suas e a dh’ ionnsuidh an t-suidheachaidh aird anns an robh e. Cho luath ’s a chunnaic dorsairean an righ mathair Aladin, chaidh iad g’ a innseadh do ’n righ. Ghrad thug an righ ordugh do ’n luchd-ciuil toiseachadh ri seinn, agus bha fuaim a’ chiuil air a chluinntinn fada ’s farsuinn. Agus bha aoibhneas anns a’ bhaile gu leir. Thoisich sluagh a’ bhaile ri cur maise air an cuid thaighean mar urram do nighean an righ. Chaidh aireamh mhor dhiubh a dh’ amharc na luchairt a thogadh an oidhche roimhe sid. Bha ioghnadh gu leor orra, cha b’ ann a mhain a chionn gu ’n robh i moran na bu mho, agus na bu mhaisiche anns gach doigh na luchairt an righ, ach gu h-araidh a chionn gu ’n do thogadh i ann an aon oidhche, ged nach robh clach air an lathrach, no eadhoin an steidhe air a glanadh an latha roimhe sid. Ghabhadh ri mathair Aladin le mor-urram ann an luchairt an righ, agus thugadh i do ’n t-seomar aig nighean an righ. Chuir nighean an righ failte chridheil oirre cho luath ’s a chunnaic i i, agus thug i oirre suidhe air an t-sofa air am biodh i-fhein a’ suidhe; agus am feadh ’s a bha na mnathan-coimhideachd ’g a cur ’na h-eideadh feasgair, agus ’g a deanamh maiseach leis na seudan a thug Aladin dhi, chuireadh biadh math air a’ bhord dhaibh. Aig a’ cheart am thainig an righ, agus toil aige ’bhith cho tric ’s a b’ urrainn e ann an cuideachd a nighinn mu ’m falbhadh i uaithe, a steach do ’n t-seomar, agus chuir e failte air mathair Aladin le urram. Ged a bha i gu tric a labhairt ris, cha ’n fhac’ e a h-aghaidh riamh, oir bhiodh srol air a h-aghaidh an uair a bhiodh i ’bruidhinn ris. Ach ann an seomar a nighinn chunnaic e a h-aghaidh gun srol, agus ged a bha i air fas sean, bha choltas oirre gu ’n robh i maiseach an uair a bha i og. Cha b’ abhaist dha a faicinn ann an aodach math, ach an lath’ ud bha trusgan anabarrach riomhach uimpe. Thug so air a chreidsinn gu ’n robh Aladin gle ghlic anns a’ h-uile rud a ghabh e as laimh. An uair a thainig an oidhche ghabh nighean an righ a cead dhe ’h-athair, agus i ’falbh d’ a luchairt fhein. Bha i fhein ’s a h-athair gle thursach, deurach a’ dealachadh ri ’cheile. Mu dheireadh dh’ fhalbh a’ bhana-phrionnsa do ’n luchairt aig Aladin, agus a mhathair air a laimh chli, agus ceud searbhanta, ann an eideadh anabarrach riomhach, a’ falbh ’na deigh. Bha ’n luchd-ciuil a’ seinn gu caithreamach. Bha na ceudan le ’n lochrainn laiste a’ coiseachd air gach taobh dhiubh; agus eadar an solus a bha na lochrainn a’ deanamh, agus na soluis a bha á luchairt an righ, agus á luchairt Aladin, bha ’n oidhche cho soilleir ris an latha. Anns an ordugh so choisich nighean an righ o dhorus luchairt a h-athar air an lar-bhrat bhelbhet gus an d’ rainig i an luchairt aig Aladin. Bha ’n luchd-ciuil a’ coiseachd air thoiseach oirre, agus, comhladh ris an luchd-ciuil a bh’ aig luchairt Aladin, bha co-sheirm chiuil aca ’g a dheanamh a chluinnteadh air feadh a’ bhaile gu leir. Mu dheireadh rainig iad an luchairt ur. Ruith Aladin, agus e lan aoibhneis, ’na coinneamh aig an dorus troimh an robh aice ri dhol a steach. Chomharraich a mhathair am mach dhi e a measg nan oifigeach a bha m’ a thimchioll, agus chord e rithe anabarrach math cho luath ’s a chunnaic i e. “A bhana-phrionnsa ro oirdhearc,” ars’ Aladin ’s e ’cur failte chridheil oirre, “ma tha mi cho mi-fhortanach ’s gu ’n d’ thug mi mi-thoileachadh dhut le bhith cho dana ’s gu ’n do mhiannaich mi boirionnach cho briagha riut, agus nighean mo righ iarraidh ri ’posadh, feumaidh mi innseadh dhut gur ann air do shuilean boidheach, meallach fhein, agus air a’ h-uile maise agus tlachd a tha co-fhas riut is coir dhut a’ choire chur, agus nach ann ormsa.” Fhreagair a’ bhana-phrionnsa anns a’ mhionaid, agus thuirt i ris: “A phrionnsa, mar a dh’ [TD 118] [Vol. 11. No. 15. p. 6] fhaodas mi nis a radh riut, tha mis’ umhail do thoil m’ athar; agus foghnaidh dhomh a radh, gu ’n robh mi toilichte gu leor an uair a chunnaic mi a’ cheud shealladh dhiot.” Chord an fhreagairt so anabarrach math ri Aladin, agus air eagal a cumail na b’ fhaide ’na seasamh, agus i an deigh barrachd astair a choiseachd air na b’ abhaist dhi, rug e air laimh oirre, agus threoraich e steach i do ’n talla mhor tharsuinn anns an robh aireamh mhor de choinnlean ceireach laiste, agus far an d’ thug am fathach fa near cuirm shoghmhor a dheasachadh. Bha na soithichean gu leir air an deanamh dhe ’n or fhiorglan, agus air an deanamh maiseach le ealain agus le innleachd nach robh orcheard air an talamh comasach air a dheanamh. Cha robh fhios aig nighean an righ ach gann ciod a theireadh i an uair a chunnaic i na bha de shaoibhreas air a chruinneachaidh ann an aon aite, agus thuirt i ri Aladin: Bha mi ’n duil nach robh luchairt air an t-saoghal cho briagha ri luchairt m’ athar; ach tha sealladh dhe ’n talla so a’ leigeadh ris dhomh gu ’n robh mi air mo mhealladh.” Threoraich Aladin a’ bhana-phrionnsa dh’ ionnan aite-shuidhe a chuireadh air leith dhi aig a’ bhord. Anns an am thoisich luchd-ciuil agus luchd-seinn ri deanamh toirm chiuil nach cualas riamh air thalamh na bu bhriagha, agus lean so gus an deachaidh crioch air a’ chuirm. Chord an ceol cho math ri nighean an righ ’s gu ’n dubhairt i ri Aladin nach cualas a leithid riamh ann an luchairt a h-athar. Ach cha robh fhios aice gu ’m b’ e sithichean a bh’ anns an luchd-ciuil. An uair a chuireadh crioch air an t-suipear, agus a thugadh na buird air falbh, thainig na dannsairean a steach, agus rinn iad dannsa dhe gach seorsa a bha cleachdaidh anns an duthaich air a leithid de dhoigh ’s gu ’n do thaitinn iad ris a h-uile a bh’ anns an talla. Mu mheadhain-oidhche, a reir cleachdadh na duthchadh, dh’ eirich Aladin, agus thug e leis nighean an righ a dhannsadh, a chum crioch a chur air greadhnachas na h-oidhche. Thug iad greis mhath air dannsa, agus chord iad gu math ris a’ chuideachd gu leir. An uair a sguir iad de dhannsa, thug Aladin leis nighean an righ air laimh do ’n t-seomar chadail a bha air ulluchadh air an son. Chuir na mnathan-coimhideachd a h-aodach bhar nighean an righ, agus chuir iad do ’n leabaidh i. Rinn na oifigich a bha ’frithealadh do dh’ Aladin an ni ceudna, agus an sin dh’ fhag iad an seomar aca fhein le cheile. Mar so chuireadh crioch air posadh Aladin ri nighean an righ. (Ri leantuinn.) AN T-EILEAN SGIATHANACH. LEIS AN URRAMACH ALASDAIR MAC GRIOGAIR, NACH MAIREANN. AM measg nan eilean lionmhor a ta air an sgapadh air taobh an iar na h-Alba, cha’n ’eil a h-aon a choimheasar ris an Eilean Sgiathanach. Is iomadh treun-laoch a rugadh agus a dh’ aruicheadh ann, agus is iomadh gniomh euchdach agus allail a rinneadh anns gach cearnadh dhe’n t-saoghail le sliochd cruadalach agus gaisgeil “Eilein a’ cheo.”—Ach cha’n ann air treubhantas agus cruadal nan Sgiathanach a leuduichear aig an am ach air an Eilean fein, a thaobh lionmhorachd nan sealladh iongantach a chithear anns gach cearnadh dheth,—seallana, a bheireadh air neach smuaineachadh air amannaibh, nach deachaidh an locair-min a chur air dealbh-choslas gach sluic, beinn’, agus creige, chum an deanamh iomlan. Tha na seallana a chithear ceithir-thimchioll an Eilein gu tur eugsamhla, agus air chaochladh cumhachd agus deilbh anns gach aite agus oisinn deth fa leth. C’ait am faicear beannta a shamlaichear ris a ’Chuilfhionn, no ri Beilig, Blath-bheinn, Scor-nan-gillean, Marsco, Glamaig, agus na ficheadan eile? Is e Alasdair Mac Challuim fein a mholadh mar bu choir iad an uair a thubhairt e:— “An toigh leat ’na beanntan mor, Cruachan ’s na neoil gu h-ard? Coireachan, frithean, dachaidh an fhir-eoin, ’S an cluinnear na h-easan a’ gair? An toigh leat na glacagan grianach, Innisean sgiamhach nam bo? Is uamhan ’bheir fonn ri guth nan tonn? Siubhail gu “Innis a’ Cheo.” Am measg nan loch iongantach tha’n toiseach aig “Coir-Uisge”—am measg nan uamh tha’n t-urram aig “Sloc-Altramain,”—ach cha’n fheumar dearmad a dheanamh air “Uamh-a’-choinnleir,”—“Uamh-an-oir,”—“Uamh-I-drigil,” agus na h-uiread eile. Am measg nan ard-stuc a ta lionmhor ’s an Eilean chithear le h-iongantas “Nic-Cleosgair-mhor,” agus a cuid nighean ’n an seasamh gu h-uaibhreach, ard, daingean, “Measg gairich ghairbh nan stuadh.” Ach de gach sealladh neonach ’s an Eilean, cha ’n ’eil a h-aon a bheir barr air “Cuithfhraing,” agus an “storr” ’s an airde tuath, mu thimchioll an dubhairt am Bard foghluimte ceudna Alasdair Mac Challuim: “Is chi thu ard-ioghnadh Chuithfhraing, Le ’bhadailean aibhseiseach mor, ’S an Storr cho cas le bhinneinean glas, Eadar do shealladh ’s na neoil.” Cha’n fhurasda gun teagamh, cunntas a thoirt air “Cuithfhraing,” a bheir beachd ceart, soilleir, air uile mhaise agus bhoichead an aite mhiorbhuilich sin. ’S e ’m filidh deas-bhriathrach a dh’ainmich mi a cheana, a mholadh gu dligheach e. Ochan! is ionmhuinn, foghluimte, teo-chridheach, duthchasail, an t-og-uasal e. Air da a bhi air a dheachdadh le deagh run-cridhe do na Sgiathanaich gu leir, tha eadhon aile agus aimsir, cuisean agus cleachdannan an Eilein sin, gun ghuth a thoirt air a luchd-aiteachaidh, gu leir ionmholta ’n a shealladh. Is og a chunnaic e solus na grein’ ann an Eilean a ghraidh, agus gu deireadh a laithean,—agus is e durachd a luchd-eolais gu’n robh iad buan,—cha di-chuimhnich e an tir thaitneach sin anns an d’ rugadh, agus anns an d’ aruicheadh a shinnsearan bho linntibh cein. Ochan! ma ta, nach e a bheireadh minchùnntas ann an Gailig, air oirdheirceas Chuithfhraing! Anns an aite iongantach sin, tha mir comhnard fearainn air a dhealachadh agus air a chleith ann an uchd ard-chreige corruich, a bheireadh ni’s leoir do’n chat a direadh. Tha ’bheinn anns am bheil an comhnardan sin air a dhruideadh suas, mar mhile troidh air airde. Air an taobh tuath tha aghaidh na beinne so garbh, rocach, carraigeach, le stucaibh arda agus colmhuinnibh biorrch, geur, glasa, ag eiridh suas. Chithear an sud agus an so sgoltan caol, dubh-ghagan dorcha, agus sgriochan riobhagach, tana, a’ gearradh agus a breacadh gnuis na carraige, agus ’g a fagail mar gu’m biodh i air a snaigheadh sios le gilbibh geur nan Ciclops, no le famhairibh alluidh, fiadhaich, le acfhuinnibh grabhadaireachd aca ’n an lamhaibh treun! Ann an aghaidh na craige moire sin, ma ta, tha comhnardan aillidh Chuithfhraing air fholuchadh, agus air a chuairteachadh le dion bhallachaibh corrach a ta ’g eiridh suas ’n an colbhaibh arda chum nan neul. Tha fosgladh mor, cas ann, trid am faigh am fear-turais le strith a stigh dh’ ionnsuidh an reidhlein thaitnich, uaine sin a ta roimhe; ach air faotuinn dha a steach, tha’n inntinn aige air a lionadh le h-iongantas a thaobh an t-seallaidh air an tuit a shuilean. Cha chreid e a leirsinn fein, agus bithidh e ann an teagamh am bheil no nach ’eil a shuilean ’g a mhealladh. Na ’m biodh Coinneach Ciobair ann an sin, bheireadh e a bhòid gur iad na sithichean a dh’ ullaich an t-aite neonach so mar thuineachas dhoibh fein, oir tha e cosmhuil ri ionad-comhnuidh nan leannan-sithe. Chithear barr-mhullach nan stuc ceithir thimchioll, a casadh gu greannach suas, ach tha gach stuc air a bhonn fein, a’ seasamh mar fhreiceadan air ceann ard na slighe. Cha’n ’eil neach sam bith nach saoileadh gur iad ionadan-comhnuidh chreutair neo-thalmhaidh a ta air an sgaoileadh a mach fa chomhair nan sul. An uair a dh’ amhairceas neach gu geur air gach sturraig agus binnean, a ta air an suidheachadh air gach taobh, tha’n inntinn a’ dealbhadh riochd-chreutairean do gach cumadh gun aireamh mar gu’m biodh iad air an gearradh a mach le laimh theoma fir-ealaidh, air aghaidh nan creag. Chithear, mar anns na h-eibhlibh ’s a ghrìosaich, coin, eich, feidh, carbadan, caistealan, laochraidh, agus riochdan de gach gne, gu friotalach, frionasach a’ casadh an aghaidh a cheile. Dealbhaidh an inntinn mar sin, aogas bhithean araidh agus eugsamhla, mar gum b’ ann a’ ruith air feadh a’ cheile. Cha sgithich neach sam bith aig am bheil tlachd ann an oibribh miorbhuileach a’ chruthachaidh, ann a bhi ’g amharc air garbh-ghnuisibh nan turaidean agus nan geur-spiricean a ta ’cuairteachadh an ionaid neonaich sin. Is leoir an sealladh chum spiorad an duine e lionadh, cha’n e mhain le h-iongantas do-chur an ceill, ach mar ann ceudna le h-uamhas agus le h-eagal diadhaidh. An uair a bhitheas an la soilleir, grianach, chithear solus na greine a’ dearrsadh gu lannaireach, drilleanach troimh gach fosgladh agus cos a ta dealachadh nan colbh stucach air gach taobh! Ach, air an laimh eile, an uair a bhios trom-cheo mar bhrat duibhre air a sgaoileadh thairis air na h-ionadaibh aillidh sin, chithear gach ni gu tiamhaidh, oillteil, uamhasach, mar gu’m biodh an t-aite gu tur fo chumhachd spiorad an dorchadais agus air fhiosrachadh le lathaireachd eagallaich nan deamhan mi-shuaimhneach! Is laidir an ceann, agus is daingeann an eanchainn nach cuirear troimh a’ cheile air amannaibh le h-uamharrachd an t-seallaidh so! Is neo-shuimeil, dall, agus aindiadhaidh an neach sin a thilgeas a shuilean air na h-oibridh miorbhuileach sin, gun ghloir a thoirt do’n Ti a’s Airde, a dhealbh iad le focal a chumhachd! Is oibre iad a tha ’togail fianuis air cumhachd agus gliocas a’ Chruitheir, gu sonraichte (mar a thubhairt am bard ionmhuinn agus foghluimte a dh’ ainmicheadh a’ cheana) an uair a chithear iad, “’S an fheasgar ’n uair thearnas a’ ghrian Gu rioghail ’s an Iar gu tamh, Air mullach nam beann mar mhile lann, Bidh boillsgeadh nan gathan aigh; ’S gach dubh-sgor a’ dearrsadh gu cas, Fo lannair nan lasraichean oir, Gu h-ard ’s an speur eadar talamh is neamh, Sealladh na maise ’s na gloir.” Na dean gaire ri leanabh ged a chuireadh e ceist, ’n ad bheachd-sa, amaideach. Cha’n ’eil sin amaideach do ’n leanabh, agus ma nithear gàire ris, bithidh e an cunnart a mhisneach a thoirt air falbh. Ge b’e cho iongantach, faoin, agus diomhain ’s a dh’ fheudas ceistean na cloinne a bhith, tha iad airidh air freagradh cairdeil agus deas fhaotuinn. Gus an deachaidh sinn troimh ’n àmhainn theintich, cha robh fios againn air méud na truaillidheachd a thugadh air falbh uainn. [TD 119] [Vol. 11. No. 15. p. 7] Laoidh. LE GILLEASBUIG DOMHNULLACH. O, thusa ’Thighearna d’ an léir Gach smuain am chré, ged ’s uaigneach iad, ’S Tu shocraich m’ uilt an taic a chéil’, ’S gach cnàimh is féith mu ’n cuairt orra, A chum gu ’m biodh iad ann an ordugh ’Ghlorachadh do bhuadhan-sa; Is chuir Thu craicionn agus feoil, Mar chomhdach air an uachdar sin. Nach miorbhuileach mo dhealbh gu léir! Tha oibre Dhé mu ’n cuairt orm, Le m’ shùilibh chi mi ’n cruinne-cé, ’S gu eisdeachd tha mo chluas agam; Tha fàile ’s anail ann am shroin, A’ ruith troimh m’ phoraibh luasganach; ’S mo chasan, ’s deas iad sud ga ’m chomhnadh Anns an ròd ’nuair ghluaiseas mi. Le m’ làmhaibh glacaidh ’s ni mi gréim, ’S mo bheul, ’n am fheum, cia luachmhor e! Mo theanga ’n taobh a stigh de m’ dheud, ’S aic’ air mo cheudfaith uachdranachd, Ach ’s tric a ruith i leis a bhreug, Gu siubhlach, beumach, tuaileasach, ’S a dhiochuimhnich i moladh Dhé, Am feum air-son an d’ fhuair mi i. Mu m’ thimchioll ’s glormhor oibre Dhé, Ged chleachd mi fein ri truaillidheachd iad, Le m’ ana-mianna brùideil, breun, ’G am thoirt gu léirsgrios uamhasach; ’S ged bhiodh mo choguis tric ’g am chràdh, ’S a’ bagradh bàis air uaireannan, Na ’m pillinn ’s gun mo mhiannan sàsuicht’, Theideadh sàtan uaill annam. O! m’ anam, beachdaich air a’ ghràdh A thug an Slànuighear uasal dhut; Ma bha e bochd, ’s ann air do sgàth, ’S i d’ fhàillinn-sa ’rinn gluasad air; Cha robh e saibhir ’nuair bha ’chàin ’Ga pàidheadh, ged bu shuarach i: Ged rinn e miorbhuilean do chach, ’S e iasg an t-sàile ’dh’ fhuasgail air. O! m’ anam, beachdaich air do chùisean, Is theirig dlùth gu smuainteachadh; Ma ’s e ’s gu bheil thu ’d chreutair ùr, Thoir cliù do ’n Ti ’dh’ ath-nuadhaich thu; ’S mur ’eil, dean cabhag ’s lùb do ghlùn, ’S na dearmaid ùirnigh uaigneach ris; Dean d’ ath-chuinge ri Righ nan dùl, ’S cha diùlt e ’Spiorad uasal dhut. A charaid, gabh ri tairgs’ na slàint’, Tha cuireadh àigh ’s an uair agad, Air eagal gu ’m fannaich do chàil ’S gu ’n tig am bàs mar chuairt-ghaoith ort; Ach eirich ’s imich gu Bet-léhem, ’S gabh an deigh nam buachaillean, Is gheibh thu Ios’ ann am brat-spéilidh, ’S sealbhan spréidh ’ga chuairteachadh. B’ e ’n t-aobhar iongantais an Ti ’Rinn muir is tir ’s na ghluaiseas annt’ A bhi ’na naoidhean fann gun chlìth, ’Na chìocharan neo-uaibhreachail; Cha d’ rugadh e an inbhe àird, ’S ann anns an stàbull ’fhuaradh e, A’ phrasach ’s i bu leaba dha, ’S bu ghann nach sràbh ’bu chluasag dha. Na smuainich gur e sgeula faoin A dh’ fhaodadh bhi gun bhuannachd dhut, Gu ’n d’ islich Dia Aon Mhac a ghaoil, ’Na mhaotharan neo-bhruailleanach: Mu ’n gann a thainig e ’s an fheoil, O thir a chòrach ruagadh e, ’S bu lionmhor trioblaid agus bron ’Bha ’n tir nam beo ’ga chuairteachadh. Na deisciobuil a bh’ aige fein, ’Nuair dh’ fhalbh an eud, ’sa dh’ fhuaraich e, Rinn fear dhiubh bhrath a chum a cheusaidh, ’S threig iad uile ’n uair sin e; Oir sgapadh iad gach aon o chéil’, Mar chithear treud gun bhuachaille, Ach riaraich esan ceartas Dhé, ’S tha ’fhuil mar sheula buan againn. Is ged a chuireadh e gu bàs, Am beagan làithean bhuadhaich e, Le cumhachd ’Athar chaidh e ’n àird Gu pàrras, ’s ann bu dual dha ’bhi; Is sagart e o linn gu linn, ’S e fein an ìobairt bhuannachdail; Le ’chumhachd riaghlaidh e mar Righ, ’S an Sion thog e ’shuaicheantas. Nach coir dhut rannsachadh ’na thràth An d’ rinn do thàlann buannachd dhut, No ’m bheil i taisgt’ agad ’san làr, Gun stà, is meirg mu ’n cuairt oirre? Ma tha, nach eagallach do bhinn ’Nuair thig an Ti o ’n d’ fhuair thu i? Bidh dhut mar chuibhrionn peanas siorruidh, Gul is giosgan uamhasach. Ma ’s duine thu anns am bheil riasan, Tuigseach, ciallach, tuaireamach, Na dearmaid caoimhneas glormhor Dhia, ’S na biodh a bhriathran suarach leat; Is feuch nach peacaich thu gu dàn, Mu ’n seall an t-Ard-Righ gruamach ort, ’S gu ’m fuadaich e thu as a làthair, ’S tir Chanàain nach buanaich thu. Oir ged a fhuair thu ainm bhi coir, Is iomadh dò-bheart fuathach leat, Ged robh thu seachantach air pòit, Is geòcaireachd ’na h-uamhas duit, Ged robh thu ’d eisimpleir ’san sgireachd, Anns gach ni mar ghluaiseas tu, Mur d’ fhuair thu ’n éifeachd tha ’m fuil Chriosd, Cha’n fhaic thu’rioghachd mar dhuais agad. Ach cleachd gach meadhon gràis le dichioll; Leugh am Biobull—’s luachmhor e, Is cog fo bhratach Righ nan righ, ’S e bheir fo chis gach uachdranachd; Thoir leat na h-airm ’tha Pol ag inns’, Biodh brogan sith ’n àm gluasad ort, ’S mur bi thu ’d ghealtair anns an stri, Gu cinnteach bidh a bhuaidh agad. Rinneadh an laoidh bhriagha so le Gilleasbuig Domhnullach, (am Baisteach) a bha ’n I-Chalum-Chille. Thàinig e gu ruige Canada o chionn tri fichead bliadhna air ais. Bha e ’na mhinisteir ann an eaglais Baisteach beagan bhliadhnaichean. B’ ann an I a fhuair e an t-ainm “am Baisteach.” Chaochail e o chionn àireamh bhliadhnaichean. Thàinig an laoidh am mach anns an Oban Times an uiridh. Tha mi ’n dochas gu ’m faigh sibh àite dhith anns a’ MHAC-TALLA an ùine gun a bhi fada. DOMHULL MAC NEILL. Ceist. FHIR-DEASACHAIDH,—Cha ’n ’eil fhios an urrainn gin d’ ur leughadairean fiosrachadh sam bith a thoirt dhomh mu dheidhinn fear Iain Mac-a-Phearsain a dh’ fhalbh a Albainn Ur o chionn ceud bliadhna? A réir an sgeul phos Lieut. Iain Mac-a-Phearsain ’sa bhliadhna 1813 no 1814 té a mhuinntir Curacoa, Bhenesuela. Bha e aig an àm ud anns na Innsean an Iar. Bha e air taobh nan ceannairceach an aghaidh nan Spàintich, agus fhuair e bhith ’na àrd-cheannard. Choisinn e dha fhein an tiodal “Fear-saoraidh Bhenesuela.” Na theisteanas posaidh thathas a leughadh, a bharrachd air ainm, “A native of Nova Scotia.” GAIDHEAL. Ceartachadh. Ann an oran a “Phainter Mhóir” ’san àireamh mu dheireadh, bu choir an dara sreath a bhi mar so: “’San uair air m’ aire-sa.” Bha ’n lide “sa” air fhàgail bhar an fhacail mu dheireadh, a’ deanamh na sreatha ro ghoirid. Bu choir dhuinn a ràdh, cuideachd, gu bheil an t-oran ri sheinn air fonn “Mairi bhàn og.” MARBHRANN DO GHOBHAINN. Chaill na builg an anail, ’S chaill na h-ùird an spionnadh; Fhir mo ghaoil ’s mo chomuinn, Fhuair thu bas a dh-aindeoin. Iadsan a Phaigh. Domhnull Rothach, Reynoldston, N. Z. Ailean Domhnullach, Hastings, B. C. Aonghas Fearghasdan, Haney, Ceit Nic-Citheagain, Boston, Mass. Ceit M. Nic-Leoid, Boston, Mass. D. A. Siosal, Saranac Lake, N. Y. Niall Mac-a-Phi, Nelson, Mich. An t-Easbuig Donullach, Alexandria, Ont Iain Mac Artair, Ivan, Ont Donnachadh Domhnullach, Montreal, Ont An t-Urr. I. I. Siosal, Pictou, N.S. An t-Urr. Seumas Friseal, St. Andrew’s, N.S. Iain Mac-Isaic, St. Andrew’s, N.S. Lachuinn Camaran, Antigonish, N.S. D. Mac-Griogair, Abhainn-a-Deas, N.S. A. D. Mac Leoid, Baile-Shearlot, E. P. I. A. B. Domhnullach, Double Hill, E. P. I. Iain M. Mac Neill, Sidni Tuath Donnachadh Domhnullach, Sidni Iain Mac-Fhionghain, Sidni A. D. Steele, Sidni Calum A. Mac-Leoid, Sidni Seumas Mac-Aoidh, Beinn a’ Mharmoir Calum Mac Ille-mhaoil, Aiseag Mhira Lachuinn Mac-Gilleain, Orangedale Tormad Mac-a-Phearsain, Louisbourg Domhnull Domhnullach, Abhainn Dhennis Ruairidh Moireasdan, Cox Heath Tormad Mac Gille mhìcheil, Glace Bay L. Mac-Cuaradh, Abhainn Mheadhonach R. I. Mac Neacail, Barrachois Harbor An t-Urr A Mac-Coinnich, Meinn Victoria Coinneach C. Mac Leoid, Fourchu D. B. Mac-a-Mhaighstir, Creignish Aonghas Mac Risdnidh, Baile nan Gall Alasdair Caimbeal, Srath-Lathuirn Iain Moireasdan, Framboise Bean C. Mhic-an-Toisich, Malagawatch H. C. Mac Aoidh, Malagawatch Iain I. Mac Fhrainc, Inbhirnis. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 120] [Vol. 11. No. 15. p. 8] Oran do na Fogarraich. LE IAIN MAC ODRUM. Togaibh misneach is solas, Bithibh inntinneach, ceolmhor, Is cuiribh ’ur dochas Ann an comhnadh an Ard-Righ, Bho ’n is eiginn duibh seoladh, ’S nach ann do ’ur deoin e, Do ’n rioghachd nach eol duibh, Mar a thoisich ’ur càirdean. Bho nach fuiling iad beo sibh, Ann an criochaibh ’ur n-eolais, ’S fhearr dhuibh falbh de ’ur deoin as, Na bhi fòdha mar thràillean; ’S iad na h-uachdarain ghorach, A chuir fuaradh fo ’r sronaibh, ’S a bhrist muineal righ Deorsa, ’Nuair a dh’ fhogradh na Gaidheil. Ma thig cogadh is creachadh, Mar is minic a thachair, ’S a bhios sibh ’n ’ur stairsich, Fo chasaibh bhur nàmhaid; Tha sibh soirbh ri bhur casgairt, Gun neach ann gus a’ bhacail, Tha bhur guaillean gun tacsa, ’S na gaisgich ’g ar fàgail. Righ! gur sgiolta r’ am faicinn, ’N an seasamh air faiche, Le ’n aodaichean gasda De bhreacanan càrnaid, ’Na dh’ fhalbh uaibh an ceart-uair De dh’ oganaich dhreachmhor, Gun truailleadh, gun ghaiseadh, Gun taise, gun tàire. Thug sud sgrios air Mac Dhomhnuill, Thug e spùineadh air moran, Thug e lomadh air Cnoideart, Agus leon air Clann Rànaill; Falbh nam fear mora, Falbh nam fear og’, Agus falbh nam fear crodha, ’N àm torachd a phàidheadh. Bi Cinn-chinnidh ’n an onar, Bi an slinnean gun chomhdach, Gun treise, gun chomhnadh, ’Nuair thig foirneart an làthair Bi ’ur naimhdean gu sporsail, ’G ar stampadh fo ’m brogan, Luchd foirneart gu treorach’, Gun neach beo gus an àicheadh. ’S bochd an gnothuch r’ a smaointinn Gu bheil am fearann ’ga dhaoradh, ’Na dh’ fhalbh dhe ’n cuid dhaoine Thàinig caoraich ’nan àite. ’S lag an sluagh ’s gur a faoin iad, Dol an carraid no ’n caonnaig, Lan de bhracsaidh ’s de chaoile, ’S iad fo dhraoigh ’Ille Mhàrtainn. Cha dean smiùradh ’ur saoradh ’N lathair batail air raontaibh, No fead ciobair an aonaich, Gur e caochladh ’ur n-ànraidh; ’S ged a chruinnicheadh sibh caogad ’Mholt is reithichean maola, ’S beag a thogadh a h-aon diubh Claidheamh faobharrach stàilinn. Ciod e ’m fàth dhomh bhi ’g innse Gu ’n d’ fhas sibh cho mìothar, ’S gu ’n feannadh sibh frìde, Far an direadh i fàirdein! Dh’ fhalbh na ceannardan mìleant’, ’G an robh sannt air an fhìrinn, Agus geall air an dìlsean, Agus cuing air a’ nàmhaid. Air an tuath bha iad cuimhneach, ’S cha b’ ann gus an sgriobadh, Gu ’m biodh bantraichean ’s dilleachdain Dìolta gu saoibhir; Bhiodh gach truaghan gun dith air Mu ’n cuairt air na suinn ud, Cha sealladh iad iosal, Bha ’n inntinn ro stàtail. Dia ’stiùireadh ’ur gnothuich, Air gach taobh agus romhaibh, A null air chuan domhain Is coimhiche gàire; Thugaibh eolas is earail Do ’n ghaoith a bhi tairis, Gus an giulan i thairis ’Ur mnathan ’s ’ur pàisdean. Biodh an fhairge le mothar ’Toirt an spìd as an reothart, Biodh Neptune ’g a clobhadh, Gun tomhas ro àrd oirr’, Gus an ruig sibh am fearann, Gun eagal a ghabhail, ’Dol air tir mar is math leibh Ann an calaichean sàbhailt’. O! triallaibh nis, fheara, Gu dùthaich gun ghainne, Cuiribh cùl ris an fhearann, ’Chaidh thairis am màl oirbh, Gu dùthaich na meala, Gu dùthaich a’ bhainne, Gu dùthaich an ceannaich sibh Fearann gur n-àilghios. Gu dùthaich gun ghainne, Gun chrionadh, gun stannart, Far an cnuasaich sibh barrachd ’S a mhaireas ’ur laithean; ’S e saighdear glic, fearail, ’N uair chitheadh e ’m barrachd, A theicheadh le ’anam, ’S nach fanadh ’s a’ làraich. Seallaibh mu ’n cuairt duibh, Is faicibh na h-uaislean, Gun iochd annt’ ri truaghain, Gun suairceas ri dàimhich; ’S ann a tha iad am barail Nach buin iad do ’n talamh, ’S ged dh’ fhag iad sibh falamh, Cha ’n fhaic iad mar chall e. Chaill iad an sealladh Air gach reachd agus gealladh Bha eadar na fearaibh Thug am fearann bho nàmhaid; Ach innseadh iad dhomhsa, ’N uair theid sibh air fogradh, Mur caill iad an coir air, Gun doigh air a thearnadh. Cronan-cadail Leanabh Bean a’ Chiobair. LE EOGHAN MAC-COLLA. FONN— “Siùd ó, siùd ì, siùd uallachan, Cha chiùrr mi thu, ’s cha bhuail mi thu.” O bà, O bà, mo cheallan beag! Gu ’m bheil mi air mo phianadh leat! O bà, O bà, mo nianag bheag, Cha ’n fhaigh mi fear am bliadhna dhut! O caidil clis, mo chiocharan,— Ged ’s faoin dhomh bhi ga ’innseadh dhut! ’S olc thig do chéile ciobaire A cuibhioll a bhi diomhanach. Ma thig an latha phosas tu, Bidh feum air plaidean cloimh agad; Is gheibh thu sin, ma ’s beo mise, Le deise bhreacain comhla ris. Cha taghainn-sa mar chéile dhut Fear-malairt carach, béul-bhreugach; ’S e b’ annsa leam ri d’ thaobh geal-sa, Fear-baile is crodh-laoigh aige. Am fear a gheibh mo leanabh-sa, Bidh tochradh aige ’dh-fhanas leis, ’Na dreach ’s ’na doighean banalta,— B’ e dual a dream bhi ceanalta. Uist! uist! a ghràidh ghil, uaineinich,— Cha b’ àill le d’ mhà’ir bhi gruamach riut, ’S a bhlàth na d’ chruth ’s na d’ ghruaidhean rùin, Gur h-ann o Nèamh a fhuair mi thu. Nis! nis! gun taing do m’ rùnan-sa Tha do dha shùil bheag dùinte nis! ’Nuair thig, a ghràidh, tìm dùsgadh dhut, Bidh broilleach làn ga ’rùsgadh dhut! Is math a’ modh a bhi samhach. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 121] [Vol. 11. No. 16. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 6, 1903. No. 16. Lagh an Aghaidh na Misge. AIR a’ cheud latha dhe ’n bhliadhna so bha lagh ùr air a chur air obair ann an Sasuinn, lagh a tha ann an iomadh dòigh eadar-dhealaichte o gach lagh eile dhe sheòrsa. Ann an deanamh an lagha so b’ e an ni a bha ’san amharc casg a chur air misg ’s air ana-caitheamh an òil, agus tha e gu math cothromach, a cur a roinn fein de ’n pheanas air fear-an-òil ’s air fear-reic an òil. ’S ann an so a tha e eadar-dhealaichte o laghannan eile. Roimhe so bha e na chleachdadh a bhi cur a’ pheanais cha mhor gu h-iomlan air an reiceadair. Fo ’n lagh ùr so, ma gheibhear duine air an t-sràid no an àite follaiseach eile air an daoraich, theid a ghlacadh ’s a pheanasachadh, agus ma theid a ghlacadh mar sin tri uairean ’san aon bhliadhna, theid ainm a chur air clàr dubh nan drongairean, agus cha ’n fhaodar deur de stuth làidir a reic ris no thoirt dha air dòigh eile gu ceann thri bliadhna. Tha càin throm air a cur air neach a reiceas ris e, agus air fhein ma theid e eadhon a dh’ fheuchaiun ri cheannach. Bidh ’ainm ’s a dhealbh air an cur suas anns na tighean òil, a chum ’s nach bi leisgeul sam bith aca sin ma gheibhear iad a bristeadh an lagha. Ann am Breatunn gu h-iomlan tha an sluagh daonnan air taobh an lagha, agus nuair theid lagh ùr a dheanamh, seasaidh iad ri chùl. Agus ged tha ’n lagh so gu laidhe gle chruaidh air moran—oir tha moran misge anns an dùthaich—cha ’n eilear idir a’ feuchainn ri chur an neo-bhrigh. Tha ’n luchd-ceartais a’ deanamh an dleasnais, ’s tha a thoradh ri fhaicinn cheana. Tha na h-òsdairean a’ fàs ni ’s faicilliche có ris a reiceas iad, tha luchd na daoraich a’ gabhail eagail ’s a’ cur casg orra fein, agus tha dùil gu ’n tig atharrachadh mor air an t-sluagh tre obrachadh an lagha so. Gun teagamh sam bith bha feum agus feum mor air lagh dhe t-seorsa so. Bha ’n t-òl a’ gabhail greim air an t-sluagh a bha ’bagairt uilc do ’n dùthaich. Ma ’s fior gach sgeul a thatar ag aithris, bha Breatunn o chionn beagan bhliadhnachan air ais a call a greim air malairt an t-saoghail, agus bha moran dhe ’n choire sin air a chur air cho trom ’s a’ bha a sluagh gu coitchionn air an òl. Bidh sinn an dòchas gu ’n cuidich an lagh ùr le stuaime na dùthcha, gu ’n deanar lagh dhe ’n t-seòrsa cheudna do Alba ’s do Eirinn, agus gu ’n saorar an sluagh o’n dubhailc mhilltich a tha ’toirt sgrios agus mi-fhortan air na h-uiread dhiu. B’ e ar dùrachd gu ’n sguireadh Breatunn de bhi fad air deireadh air dùthchannan eile a thaobh stuaime, agus gu ’n tigeadh i ’n ùine ghearr gu bhi na h-eisimpleir dhaibh anns an dòigh sin mar a tha i cheana ann an iomadh dòigh eile. Anns an dùthaich so is tric a chluinnear o mhuinntir nach eil càirdeil ri laghannan a tha ’n aghaidh an òil, nach urrainnear daoine dheanamh stuama le achd pàrlamaid. Is àbhaist dhaibh, cuideachd, a bhi cur an céill cho measail ’s a tha iad air an dòigh a bhatar a laimhseachadh nan cùisean ceudna ann an Breatunn, an dùthaich a b’ fhearr laghannan a bha air uachdar an t-saoghail. Gu dé th’ aig a mhuinntir sin ri radh a nis? An abair iad gu bheil Breatunn a’ dol air seacharan—gu bheil luchd-deanamh nan laghannan matha a’ call an tuigse nuair a tha iad a’ dol a dh’ fheuchainn ri daoine dheanamh stuama le achd pàrlamaid? Diteadh a’ Choirneil Lynch. BHA an Coirneal Lynch air a dhìteadh gu bàs ann an Lunnuinn air an treas latha fichead dhe ’n mhios so. Bha e air fhaotainn ciontach de àrd-fhoill an aghaidh na rioghachd. Nuair thòisich cogadh nam Boerach, chaidh esan, mar chaidh iomadh aon eile dhe cho-luchd-dùthcha, do ’n Transbhaal, agus ghabh e an arm na dùthcha sin an aghaidh Bhreatuinn. Nuair thainig crioch air a chogadh, thàinig e dhachaidh do Eirinn, agus chuir e e-fein fa chomhair an t-sluaigh air-son a thaghadh mar fhear-pàrlamaid. Bu mhor an othail a bh’ air fein ’s orra-san a bha gabhail a thaobh nuair chuir iad a stigh e. Ach mu ’n do ghabh e ’àite-suidhe ’sa phàrlamaid, chaidh a ghlacadh air-son àrd-fhoill, agus mar dh’ ainmicheadh chaidh fhaotainn ciontach ’s a dhìteadh gu bàs. Tha cuid a’ gabhail orra bhi creidsinn nach bi a’ bhinn air a toirt gu crìch—gu ’n toir an righ mathanas dha, no an àite chur gu bàs gu ’n toirear prìosan ri ’bheò dha. Faodaidh e bhith gu bheil a’ bharail sin ceart; ach cha bu chòir a leigeil air diochuimhn nach eil na Breatunnaich cho déigheil air a bhi ’toirt mathanais do na ciontaich ’s a tha muinntir nan Stàidean, agus, gu mi-fhortanach, sinn fein ann an Canada. Anns an t-seann dùthaich tha an lagh air a ghabhail a cheart da-rìreadh, agus biodh an ciontach bochd no beairteach, iosal no uasal, ma gheibh an lagh greim air, cha teid e as o pheanas. Agus nuair bheirear fa-near nach eil cionta ann a’s mò an sealladh an lagha na àrd-fhoill an aghaidh na rioghachd, faodar a cho-dhùnadh nach ruig an Còirneal Lynch a leas moran dòchais a bhi aige gu ’m faigh e mathanas. Suidhe na Parlamaid. CHA ’n eil an àrd-phàrlamaid air a gairm gu bhi cruinn gus an dara latha deug dhe ’n Mhàrt. Tha sin faisg air mios ni ’s anmoiche na ’n t-àm a dh’ ainmicheadh ’san àireamh mu dheireadh dhe ’n phaipeir so. Tha dùil ris a’ phàrlamaid a bhi na suidhe fad an t-samhraidh. Tha iomadh gnothuch cudthromach ri bhi fa comhair, ach cha ’n iad sin a’s mò a thàirneas dhe ’n ùine idir. Tha moran de dhaoine beaga ’sa phàrlamaid a’ cosg tìm an taighe gach bliadhna le òraidean gun bhun, gun bhàrr, ris nach eil ach gann duine ach iad fein ag éisdeachd, ach a dh’ fheumas iad a labhairt a chum gu ’m faigh iad an clo-bhualadh a nasgaidh ’s an sgaoileadh am measg an càirdean ’sna siorrachdan a tha ga ’n taghadh. Na ’m faighte dòigh air glas-ghuib a chur air gach duineachan dhe ’n t-seorsa sin, bu mhath an caomhnadh a dheante air ùine ’s air airgiod. Cuisean Bhenesuela. THA cùisean Bhenesuela fhathast mar a bha iad. Tha fiosan gun àireamh ag innse gu bheil Breatunn is a’ Ghearmailt a nis a’ tuigsinn gu ’n d’ rinn iad mearachd mhor an uair a chuir iad a’ ghlas air puirt na dùthcha bige sin. Tha cuid de na fiosan cho bàigheil ri Breatuinn ’s gu bheil iad ag ràdh gu bheil nàire air a luchd-riaghlaidh air-son mar ghabh iad pàirt na Gearmailte ’sa ghnothuch, ’s gu bheil e gonadh nam Breatunnach air fad an dùthaich a bhi cho mor air chomhairle an Iompair Uilleam. Is dligheach a radh, co dhiu, gu bheil na fiosan so uile ’tighinn rathad New York, agus o nach eil fhios againn ciod an tomhas “deasachaidh” a rinneadh orra air an rathad, cha chuir sinn mar fhiachaibh air ar leughadairean a chreidsinn dhiu ach na chi iad fein iomchuidh. Comhairle bho Charnegie. ANN an òraid a labhair Andra Carnegie aig cruinneachadh de dhaoin’ òga ann am baile Phittsburg o chionn beagan bhliadhnachan, chomhairlich e iad mar a leanas:— “A dhaoine òga, seachnaibh an t-òl. Cha ’n fhear-searmonachaidh stuaime mise idir, ach duine tha ’g innse dhuibh na dh’ fhiosraich e le bheachdachadh fein re a bheatha. Agus tha mi ’g ràdh ruibh gu bheil sibh ni ’s buailtiche air fàilneachadh an obair ur beatha air tàille an òil na air tàille buaireadh sam bith eile a dh’ fhaodas tighinn oirbh. Is gann buaireadh eile anns an tuit neach air nach faod e buaidh a thobhairt agus ath-leasachadh a dheanamh, ach o ìotadh mi-shealbhach an òil cha mhor gu bheil dol as aige. ’S e àireamh gle bheag do ’n urrainn buaidh iomlan a thoirt air, agus do ’n mhor chuid tha e eu-comasach. Cuimhneach air na h-Eoin. ANNS an t-Suain, tha àm na Nollaig air a cumail le dealas air am bheil sinn ’san dùthaich so tur aineolach. Cha ’n eil crioch a tighinn air cuirmean ’s air cridhealas na Nollaig gus an treas latha deug dhe ’n bhliadhn’ ùir. Tha fear siubhail a chuir cuairt air an dùthaich mu àm na Nollaig ag innse ’n sgeula beag a leanas air aon de chleachdaidhean an t-sluaigh:— “Air aon fheasgar geamhraidh bha mi sceatadh air loch bòidheach mu thri mile bho Ghottenburg. Air mo rathad dhachaidh thug mi ’n aire gu robh faisg air dorus gach tighe crann fada air a chur na ’sheasamh agus sguab arbhair an ceangal ri bhàrr. “‘C’ar-son a thatar a deanamh sud?’ thuirt mi ri mo chompanach. [TD 122] [Vol. 11. No. 16. p. 2] “‘Tha sud air a chur suas mar bhiadh do na h-eòin—na h-eòin bheag’ fhiadhaich. Tha iadsan cho feumach air Nollaig chridheil ruinn fein.’” Tha muinntir na dùthcha anns am bheil an cleachdadh truacanta so air fhaotainn, air a gheamhradh so iad-fein a’ fulang le cion bidh. Tha tri fichead is deich mile dhiu an impis bàsachadh. Air a bhliadhna ’n uiridh chaidh am bàrr ’s an t-iasgach na ’n aghaidh. Tha na Suainich a tha ’n America a’ cur cuideachadh g’ an ionnsuidh, ach cha ’n eil iadsan ach beag an àireamh, agus bu chòir do mhuinntir na dùthcha gu h-iomlan airgiod a chuir cruinn còmhla riutha. Bu mhor an call gu ’n tigeadh bàs acrach air sluagh a tha iad-fein cho caoimhneil ’s nach leig iad acras air eunlaith an adhair. Seaghan agus an Sagart. Is gnàth, an àiteachan de ’n Eirinn, nuair chaochlas duine, roinn airgid a chruinneachadh aig tigh a’ chuirp mu choinneamh an t-sagairt. Bha fear aig aon de na taighean so, ùine ghoirid air ais, agus rinn e dearmad an t-airgiod a thoirt leis. Ruith e air ais ga ’fhaighinn. Choinnich an sagart air. “C’àite ’m bheil thu dol, a Sheaghain?” ars an sagart. “Dearmad a rinn mi air tasdan a bha mi toirt leam,” arsa Seaghan, “agus tha mi dol ga ’iarraidh. “Bheir mise tasdan dhut ma bheir thu dhomh a rithist e,” ars an sagart. “O, bheir gu deimhin,” arsa Seaghan; “gu robh math agaibh, ’athair—gu robh math agaibh.” Thill an dithis air ais do ’n tigh anns an robh an corp, agus sheas an sagart aig a’ bhòrd aig an robhas a togail an airgid. Bha na daoine tighinn agus a cur an airgid sios. Thainig Seaghan, agus ars esan an cogar, ’s e ’cur an tasdain air a’ bhòrd:— “So an tasdan, ’athair, air ais, gu robh math agaibh.” Cha do chuimhnich an sagart air aig an àm, ach seachduin na dhéigh sin thachair Seaghan air, agus chuir e na ’chuimhne an tasdan a ghabh e ’n iasad. “Nach d’ thug mi dhuibh là an tòrraidh e, athair?” arsa Seaghan. “Cha d’ thug, gu deimhin,” ars an sagart. “Air m’ anam fhein gu ’n d’ thug, athair,” arsa Seaghan, “chuir mi air a’ bhòrd mu ’r coinneamh e, agus cha ’n eil tasdan no bonn-a-sia agaibh orm.” “Biodh agad, a Sheaghain, a bhalaich chòir, ma ’s ann mar sin a tha ’n sgeul air a tionndadh, cha’n iarr mise ’n tasdan ort tuilleadh,” ars an sagart, ’s dh’ fhalbh e.—O ’n Ghailig Eirionnaich. TAGHAIDHEAN NAM BAILTEAN—Di-màirt s’a chaidh bha ’n taghadh bliadhnail anns na bailtean. Ann an Sidni bha ceathrar a’ sireadh taghaidh mar àrd-bhàillidh—W. A. Richardson, Ios. A. Gillios, Iain A. Young agus Dr. Iain K. Mac Leòid. Bha Richardson air a thaghadh. Mar chomhairlich bha air an taghadh D. A. Hearn, Howard Caimbeul, Dr. J. S. Brookman, Uisdean Ros, A. D. Falconer agus Uilleam Fitzgerald. Ann an Sidni Tuath bha D. D. Mac Coinnich air a thaghadh mar àrd-bhàillidh; agus D. Rudderham, Uilleam Hackett, R. Musgrave is J. Shean mar chomhairlich. Ann an Glace Bay bha D. M. Burchell air a thaghadh mar àrd-bhàillidh; Uilleam Lewis ann an Louisburg; agus Iain Mac Cormaic ann an Sydney Mines. SGIORRADH BASMHOR EILE—Seachduin gus an Di-luain s’a chaidh, bha fear Iain Llewelyn air a mharbhadh aig an obair iaruinn. Thuit e eadar da chàr a bhatar a’ gluasad, ’s bha cheann air a phrannadh fo na cuibhleachan. Bha e marbh gun dàil. Thàinig e do ’n bhaile so á Alabama. Thachair an sgiorradh dha ’s e ’g obair an àite fir eile. Tha an jury a bha feuchainn na cùise an deigh a bhàis dhe ’n bharail nach eil a’ chuideachd cho faicilleach ’s bu chòir dhaibh a bhi—gu ’m faodadh iad le beagan cosdais tearuinteachd an luchd-obrach a dheanamh ni bu chinntiche. LITIR A SIDNI-A-TUATH. THA ’cheud àireamh de MHAC-TALLA na bliadhna so air tighinn gu laimh, agus ged bha litir agam mu bhi deiseil gu cur air adhart, tha mi ’meas gur fearr dhomh a cumail agam fhéin a nis, oir tha thu fein agus aon dhe do dheagh sgriobhaichean a toirt dhuinn ’san àireamh sin cùnntas mu ’n t-seann bhliadhna agus a bhliadhn’ ùr, a tha fad air thoiseach air na bha mise ag oidhirpeachadh air a dheanamh ’san litir ud. Ach ciod air an toir mi lamh a nis cha mhath a tha fios agam. Faodaidh mi innseadh co-dhiù gu bheil sinn a gearain air meud an fhuachd o chionn àireamh làithean. Ach cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil mòran dhe ’n ghearain sin air aobharachadh leis a ghual a bhi ni ’s gainne anns a bhaile na bu choir dha bhi ann an cois mhèinnean a tha toirt uiread de mhìltean tunna dheth gu uachdar na talmhainn gach bliadhna. ’S ainneamh a tha chuideachd ùr a fàgail a bheag de ghual gu reic an so—is beag nach ’eil e gu h-iomlan air a chur air falbh do chearnan eile—agus am beagan a dh’ fhàgar air a reic air prìs na ’s àirde na tha iad ag iarraidh no a faotainn bho choigrich. Mur biodh gu ’m bheil gual ri fhaotainn aig mèinn eile ’sa choimhearsnachd, bhiodh mòran gu tric air bheagan guail no gun ghual idir. Ach cha ’n ’eil a mhèinn sin a cur a mach de ghual na riaraicheas sinn idir. Tha cùisean gle chearr ’nuair tha comas aig na cuideachdan so air an cuid guail a chur air falbh cho ro bhuileach ’s gu ’m biodh gainne dheth aig àm sam bith na ’n coimhearsnachd fein, agur mur ’eil toil aca leasachadh d’ an deòin, tha e iomchuidh gu ’m biodh iad air an co-éigneachadh gu leasachadh d’ an aindeoin, ’s e sin ma tha meadhainean dligheach ann ga ’n cleachdadh a chum na crìche sin. Thàinig naidheachd mhuladach á Ceap Nor o chionn ghoirid. Air an fhicheadamh latha dhe ’n mhios s’a chaidh chriochnaich duine d’ am b’ ainm Alasdair Mac Leòid a bheatha le e fhein a chrochadh ri craoibh. Bha e air a bhi euslan ré thri seachduinean roimhe sin, ’s cha ’n ’eil teagamh nach robh e ’n tomhas as a rian ’nuair rinn e mar a rinn e. Theirear ma tha neach air-son a bhi air a mholadh le muinntir eile e ’bhàsachadh, agus cha ’n ’eil teagamh nach ’eil sin ann an tomhas mor fìor. Am feadh a tha daoine a làthair maille ruinn tha eagal orm gu ’m bheil sinn tuilleadh is ullamh gu bhi toirt am fàillinnean fa near, agus tuilleadh is mall ann a bhi toirt fa-near an deadh bhuadhan; ach is cinnteach an ni nach biodh e iomchuidh dhuinn daoine a mholadh re ’m beò, mar a bhiodh e freagarrach a dheanamh an déigh bàis. Mar sin, o nach ’eil Mac Leoid a làthair, agus gur duilich leam nach ’eil, their mise agus a choimhearsnachd uile m’a thimchioll gu ’m bu deadh choimhearsnach e—duine neo thuaireapach, fìrinneach agus onarach—fear-ceairde iomadh-gnèitheach, a bha fìor reusanta anns gach dòigh ris a mhoran aig an robh déiligeadh ris, agus air am bi ionndrainn ré iomadh bliadhna ri teachd. Sidni-a-Tuath, Ian. 17, 1903. M. D. Naidheachdan. A’ BHREAC AN SIORRACHD PHICTOU—Tha a’ bhreac ann an àireamh thighean timchioll Thorburn, ann an siorrachd Phictou. Cha ’n eil i gle dhona, agus thatar an dùil gu ’m faighear cur as dhi gu buileach an ùine ghoirid. Thugadh an easlaint do Thorburn le mèinneadair a thainig dhachaidh á Colorado. “STRIKE” PHORT MORIEN SEACHAD—O chionn còrr is mios bha mi-chòrdadh eadar na daoine tha ’g obair am mèinn ghuail Phort Morien agus iadsan leis an leis i. Bha na gearradairean a’ deanamh a mach nach robh iad a’ faighinn ceartais a thaobh tuarasdail, agus sguir iad dhe ’n obair. Mu mheadhon na seachduin s’a chaidh thainig an da thaobh gu còrdadh, agus chaidh na daoine dh’ obair a rithist. SGIORRADH AN SIDNI TUATH—Bha gille bochd d’ am b’ ainm Iain Guthro air a mharbhadh le sgiorradh ann an Sidni Tuath air an aonamh là fichead dhe ’n mhios. Dh’ fheuch e ri leum air càr guail a bha ’dol seachad ’s thuit e fo na cuibhleachan. Bha e air a ghearradh ’s air a reubadh gu h-uamhasach, agus bha e ann an cràdh mor gus ’n do chaochail e maduinn an ath latha. Cha robh e ach ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois. GIBHT O ’N RIGH—Tha ban-Innseanach, (no sgua) d’ an ainm Màiri Phòl, ann an Rothesay, N. B., an deigh gibht fhaotainn o Righ Iomhar—poit-thi, cupa is sàsar. Beagan romh àm a chrùnaidh, chuir i litir g’a ionnsuidh, a’ guidhe saoghal fada, sona dha, ’s a’ cur an ceill a dìlseachd fein dha mar bhan-iochdaran. An cois na litreach bha gibht bheag—bascaid a rinn i le a da laimh fhein, ’s air ’n do chleachd i gach sgil is ealain a dh’ ionnsaich i riamh. B’ e ’m fios-freagairt a fhuair i litir o’n righ ’s an gibht a dh’ ainmicheadh. BAS ’SA MHEINN-A-TUATH—Feasgar Di-ciaduin air an t-seachduin s’a chaidh bha fear Uilleam Hamilton air a mharbhadh anns a Mhèinn-a-tuath. Bha e air sgur a dh’ obair mu shia uairean ’s a coiseachd suas an slope nuair a bhrist sreang charaichean o an ceanglachadh, agus ruith iad sios na ’choinneamh. Dh’ fheuch esan ri ’n seachnadh, ach leis an luaths a bh’ aca chaidh iad bhar an rathaid, ’s bha esan air a phrannadh ris a’ bhalla. Chaochail e mu ’n d’ rainig iad dhachaidh leis. Bha e na dhuine pòsda, mu chóig bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois, agus bhuineadh e do Ghalldachd na h-Alba. LUCHD-IMRICH A’ TIGHINN—O chionn beagan mhios tha àireamh nach beag de Shasunnaich ’s de dh’ Albannaich air tighinn do Chanada, ’s tha iad a togail fearainn anns an Iar-Thuath. Tha iad a’ tighinn na ’n grunnan beaga, agus tha iad uile an deagh chothrom is eòlach air tuathanachas. Tha moran dhiu air tilleadh á Africa mu dheas, far an do chuir iad eòlas air na Canadaich, o’n d’ fhuair iad a’ cheud sgeul air mathas na dùthcha so mar àite-tuathanachais. ’S e so an dearbh sheòrsa tha dhìth air Canada mar luchd-àiteachaidh, agus ’s taitneach a chluinntinn gu bheil moran tuilleadh dhiu ri tighinn. Re an da mhios a tha romhainn, tha dùil ri àireamh nach beag dhiu, agus mu thoiseach April tha cuideachd a’ tighinn a dh’ àireamhas da mhile pearsa. RIAGHLADAIR NA ’MHURTAIR—Tha Tillman, riaghladair stàid Charolina deas, an diugh anns a’ phrìosan, a feitheamh ri bhi air fheuchainn air son murt. An la roimhe, thachair e air an t-sràid air fear Gonzales ris an robh diumb aige: tharruing e daga as a phòca ’s loisg e dha no tri dh’ uairean air, ga ’ghrad mharbhadh. Bha Gonzales na ’fhear-deasachaidh paipeir, agus bha e sgriobhadh gu làidir an aghaidh dreuchd na riaghladaireachd a bhi air a toirt do Thillman, a chionn nach robh e na ’dhuine beusach no airidh ann an dòigh sam bith air an dreuchd. B’ ann air-son sin a chuir Tillman crioch air. Cha ’n ’eil cinnt sam bith gu ’n teid am murtair a chrochadh. Tha luach ro-bheag air a chur air beatha duine anns na Stàidean a deas. Thatar a’ murt dhaoine cha mhor gach latha dhe ’n t-seachduin, agus ’s e àireamh glé bheag dhe na murtairean a tha ruigheachd na croiche. Am fear aig am bheil beairteas theid aige glé thric air a shaorsa cheannach agus an lagh a chur an suarachas. [TD 123] [Vol. 11. No. 16. p. 3] SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. XV. AIR an ath mhadainn an uair a dhuisg Aladin thaing na gillean-seomair a steach gus a chuid aodaich a chur uime, agus chuir iad trusgan uime a bha moran na bu bhriagha na ’n trusgan a bh’ uime an latha roimhe sid. An sin thug e ordugh fear dhe na h-eich a b’ fhearr fhaotainn deas dha, agus an uair a chaidh e air a mhuin, mharcaich e, agus e air a chuartachadh le moran sheirbhiseach, gu luchairt an righ. Chuir an righ failte air le mor urram, agus thug e air suidhe r’a thaobh, agus dh’ ordaich e am biadh-maidne ’thoirt a steach. Fhreagair Aladin, agus thuirt e: “Tha mi ’guidhe air bhur morachd nach cuir sibh an urram sin orm an diugh. Thainig mi a dh’ iarraidh oirbh fhein agus air ard-mhaithean na cuirte a dhol do m’ luchairt gus biadh a ghabhail comhladh ris a’ bhana-phrionnsa.” Dh’ aontaich an righ gu toileach gu ’m falbhadh e, agus gun dail sam bith dh’ fhalbh e agus Aladin air a laimh dheis agus an t-ard-chomhairleach air a laimh chli. Bha luchd-dreuchd is oifigich a’ falbh rompa, agus bha ard-mhaithean na cuirte a’ falbh ’nan deaghaidh. Mar bu dluithe a bha ’n righ a’ tighinn air luchairt Aladin is ann bu mho a bha maise na h-aitreibh a’ cur de dh’ ioghnadh air; ach bha moran a bharrachd ioghnaidh air an uair a chaidh e steach innte. Cha b’ urrainn e gun a h-uile rud a bha e ’faicinn a mholadh gu mor. An uair a chaidh an righ a steach do ’n t-seomar air an robh na ceithir uinneagan fichead, far an robh iad gus am biadh a ghabhail, agus a chunnaic e cho maiseach ’s a bha gach ni air a dheanamh agus gu h-araidh na h-uinneagan a bha air an deanamh maiseach le seudan agus le clachan luachmhor, agus an uair a thuirt Aladin ris gu ’n robh iad a’ cheart cho maiseach an taobh am muigh ’s a bha iad an taobh a staigh, bha leithid de dh’ ioghnadh air ’s nach robh fhios aige ciod a theireadh e. An uair a bha e greis ’na thosd thuirt e ris an ard-chomhairleach: “Am bheil e comasach gu ’m biodh an luchairt aluinn so cho dluth dhomh agus mi gun fhios agam air gus a nis?” “Mo thighearna,” fhreagair an t-ard-chomhairleach, “faodaidh cuimhne ’bhith aig bhur morachd nach robh clach air an larach so air a’ bho ’n de an uair a thug sibh cead do Aladin a togail, agus bu mhise cheud duine a dh’ innis dhuibh ’s a mhadainn an de gu ’n robh an luchairt so air a criochnachadh.” “Tha cuimhn’ agam air sin; ach cha do smaoinich mi idir gu ’n robh an luchairt ’na h-aon de dh’ ioghnaidhean an t-saoghail. C’aite air an t-saoghal am faighear ballachan air an togail de dh’ or ’s de dh’ airgiod an aite chlachan? Agus c’aite am faicear uinneagan air an deanamh maiseach le daoimein, le rubaidhean, agus le emeralds? Cha chualas guth air a leithid so riamh roimhe air an t-saoghal.” Bha ’n righ a’ gabhail beachd gu dluth air na h-uinneagan, agus ’g an cunntais, agus thug e an aire gur e tri air fhichead dhiubh a bha air an deanamh maiseach le neamhnuidean ’s le clachan luachmhor, agus ghabh e ioghnadh gu leor a chionn gu ’n robh aon te dhe na ceithir air fhichead air a fagail gun chriochnachadh. Bha ’n t-ard-chomhairleach ’na chuideachd an comhnuidh, agus thuirt e ris: “Tha e ’cur moran ioghnaidh orm gu ’m biodh talla cho mor agus cho maiseach so air ’fhagail gun chriochnachadh.” “Mo thighearna,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “cha ’n ’eil teagamh nach e cion uine bu choireach nach do chriochnaicheadh an uinneag so mar a chriochnaicheadh cach; oir faodar a bhith cinnteach gu ’m bheil neamhnuidean gu leor aig’ Aladin air a son, agus gu ’n criochnaich e i cho luath ’s a gheibh e uine.” Anns a’ cheart am thainig Aladin far an robh iad. “A mhic,” ars’ an righ ris, “is e so an aon talla cho briagha ’s a th’ air an t-saoghal; ach tha aon rud a tha ’cur ioghnaidh orm, agus is e sin, gu ’m bheil te dhe na h-uinneagan gun chriochnachadh. An ann a chionn gu ’n d’ rinn an luchd-oibre dichuimhn’ no dearmad air an obair, no, an ann le cion uine nach do chuir iad crioch gu snasail air an obair mhaiseach so?” “Mo thighearna,” ars’ Aladin, “cha b’ ann air son a h-aon dhe na h-aobhair sin a dh’ fhagadh an uinneag gun chriochnachadh. Is mi-fhin a dh’ ordaich do ’n luchd-oibre gun chrioch a chur oirre. Bha toil agam gu ’m biodh de chliu aig bhur morachd crioch a chur air an talla agus air an luchairt comhladh, agus tha mi ’n dochas gu ’n cuir sibh bhur n-aonta ris an ni a runaich mi, a chum gu ’m bi cuimhn’ agam air na fabhair a fhuair mi uaibh.” “Ma ’s e sin a bha ’nad bheachd,” ars’ an righ, “tha mi riaraichte gu leor, agus bheir mi ordugh seachad toiseachadh ris an obair gun dail.” Gun dail sam bith chuir an righ fios air gach seud-fhear agus or-cheard a b’ fhearr na cheile a bha ann an ceanna-bhaile na rioghachd. Anns a’ cheart am chaidh an righ agus Aladin am mach as an talla so, agus chaidh iad do ’n talla anns an robh a’ chuirm air latha na bainnse. Thainig nighean an righ a steach do ’n talla ann an uine ghoirid, agus chuir i failte air a h-athair, agus dh’ aithnich e air aogasg a gnuise gu ’n robh i gle thoilichte leis a’ phosadh a rinn i. Shuidhicheadh da bhord anns an talla, agus bha am pailteas dhe gach seorsa bidh a b’ fhearr na cheile air a chur air na buird so ann an soithichean oir. Shuidh an righ, agus a nighean, agus Aladin, agus an t-ard-chomhairleach aig fear dhe na buird, agus shuidh ard-mhaithean na cuirte aig a bhord eile. Chord gach seorsa bidh a bh’ air a’ bhord anabarrach math ris an righ, agus dh’ aidich e nach do bhlais e air na b’ fhearr riamh. Mhol e am fion mar an ceudna. Ach cha robh dad air a’ bhord bu mho a chuir a dh’ ioghnadh air na maise nan soithichean anns an robh am fion; oir bha iad air an deanamh de dh’ or fiorglan, agus air an deanamh ro mhaiseach le seudan. Chord an ceol ris anabarrach math mar an ceudna. An uair a dh’ eirich an righ o ’n bhord, dh’ innseadh dha gu ’n robh na seudfhearan, agus na h-or-cheardan air tighinn; agus thill e steach do’n talla gus an uinneag a bha gun chriochnachadh a shealltainn dhaibh. “Chuir mi fios oirbh,” ars’ esan, “gus an uinneag so a chriochnachadh a’ cheart cho snasail ri cach. Gabhaibh beachd gu math orra, agus cuiribh crioch air an uinneig so cho snasail ri cach, agus cho luath ’s a theid agaibh air.” An uair a ghabh iad beachd gu dluth air a h-uile te dhe na tri uinneagan fichead, agus a chuir iad an comhairle ri ’cheile fiach ciod a rachadh aig gach fear dhiubh air a dheanamh, chaidh iad far an robh an righ, agus thuirt iad ris: “Mo thighearna, tha sinne toileach air an obair a dheanamh leis gach dichioll agus innleachd ’nar comas; ach cha ’n ’eil de sheudan againn eadrainn gu leir na chuireas crioch air an obair mhoir so.” “Tha ’m pailteas de sheudan agamsa,” ars’ an righ; “thigibh do mo luchairt-sa, agus taghaibh na fhreagras oirbh dhiubh.” Thill an righ air ais do ’n luchairt, agus dh’ ordaich e na seudan a thoirt an lathair. Agus thug na seud-fhearan leotha an aireamh bu mho dhiubh, gu h-araidh an fheadhainn a thug Aladin do ’n righ. Ged a chuir iad am feum iad gu leir, gidheadh cha d’ rinn iad aghartas mor anns an obair. Thainig iad uair is uair a dh’ iarraidh tuilleadh sheudan, agus ann an ceann a’ mhios cha robh an obair leitheach aca. A dh’ aon fhacal, chuir iad an sas na bha de sheudan aig an righ, agus na fhuair e an iasad o ’n ard-chomhairleach, agus gidheadh cha robh an obair leith chriochnaichte. Bha fhios aig Aladin nach b’ urrainn an righ crioch a chur air an obair cho math ’s bu choir. Chuir e fios air na seudfhearan, agus thuirt e riutha stad dhe ’n obair; ach dh ’ordaich e dhaibh an obair a rinn iad a thoirt as a cheile, agus na seudan a thoirt air ais a dh’ ionnsuidh an righ agus an ard-chomhairlich. Ann am beagan uairean thug iad as a cheile an obair ris an robh iad fad shia sheachduinean, agus dh’ fhalbh iad. Thug Aladin lamh air a’ chruisgean, agus an uair a thug e suathadh no dha air thainig am fathach mar a b’ abhaist dha. “Fhathaich,” ars’ Aladin, “dh’ ordaich mi dhut te dhe na h-uinneagan fhagail gun chriochnachadh, agus rinn thu gu pongail mar a dh’ aithn mi dhut. A nis, tha mi ’g ordachadh dhut a criochnachadh mar a chriochnaich thu cach.” Chaidh am fathach as an t-sealladh ann an tiotadh. Chaidh Aladin am mach as an talla, agus an uair a thill e steach an uine gun bhith fada, bha ’n uinneag air a criochnachadh mar a bha na h-uinneagan eile. Anns a’ cheart am rainig na seudfhearan agus na h-or-cheardan luchairt an righ, agus an uair a thugadh an lathair an righ iad, thuirt am fear a b’ urramaiche dhiubh, agus e ’cur nan seudan gu leir an lathair an righ: “Mo thighearn, tha fhios aig bhur morachd gu ’n d’ thug sinn uine mhath air an obair a dh’ earb sibh ruinn, agus gu ’n d’ rinn sinn ar n-uile dhichioll air crioch a chur oirre cho math ’s a b’ urrainn duinn. Bha ’n obair gu math air a h-aghart an uair a thainig Aladin, agus cha b’e mhain gu’n do chuir e stad air an obair, ach thug e oirnn mar an ceudna na rinn sinn dhe ’n obair a thoirt as a cheile, agus na seudan a thoirt air ais a dh’ ionnsuidh bhur morachd.” Dh’ fheoraich an righ dhiubh an d’ thug Aladin aobhar sam bith dhaibh air son gu ’n d’ thug e orra sgur dhe ’n obair. Agus thuirt iad ris nach d’ thug. Anns a’ mhionaid dh’ ordaich e each a thoirt g’ a ionnsuidh, agus mharcaich e gu ruige luchairt Aladin ann an cuideachd aireamh bheag dhe ’sheirbhiseach. An uair a rainig e, thainig e air lar aig bonn na staidhreach a bha ’direadh gu talla nan ceithir uinneagan fichead, agus ghabh e suas direach g’ a ionnsuidh gun uiread is fios a thoirt do Aladin. Ach thachair gu ’n robh Aladin anns an talla aig an am, agus choinnich e an righ aig an dorus. (Ri leantuinn.) LITIR A ONTARIO. THA fuaim na seana bhliadhna air falbh as ar cluasan an uair a bha i toirt suas an deò, agus a nis thàinig bliadhna ùr a stigh o’n a sgriobh mi mu dheireadh litir a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA. Tha stoirmeannan agus sneachda mor againn an so, gu sonraichte o chionn da sheachduin air ais. Tha na rathaidean air an dùnadh suas ann [TD 124] [Vol. 11. No. 16. p. 4] am mòran àiteachan. Bha an t-sìde gu math fuar o’n thàinig an geamhradh, ach tha dòchas agam gu ’m fàs i ni ’s fhearr gun dàil. Bha mi leughadh litir “C. C.” mu ’n bhliadhn’ ùir, agus gu dearbh bha i taitneach a bhi ga ’leughadh, oir cha do dh’ fhàg e ni—mar tha, mar bha, agus mar bhitheas—gun a chur sios le maise agus ann an deagh ordugh. Chunnaic mi litir, cuideachd, bho Chalum beag. Cha ’n ’eil fhios agam co dhiubh ’se Calum na Gàilig a bh’ againn ann am Priceville a th’ ann no nach e. Innsidh e dhomh an ath uair a sgriobhas e. Ach tha mi toilichte bhi faicinn nam puingean math a tha aige. Tha sinn toilichte bhi leughadh mar tha MAC-TALLA a seasamh suas air taobh na stuamachd. Tha moran àiteachan is miosa a thaobh mi-stuamachd na ’m baile beag so, ged tha gu leor dheth ri fhaicinn ann air amannan sonruichte dhe ’n bhliadhna. Tha feadhainn a cumail am mach nach ’eil coire sam bith ’san deoch-làidir, ’s leis a sin nach bu choir a bhi feuchainn a chur as. Tha iad sin a leigeadh cudthrom mor air na briathran: “Cleachd beagan fìona air-son do ghoile;” ach an àite beagan a ghabhail ’s ann a dh’ òlas iad làn am broinne de ’n stuth is làidire a bhios ri fhaotainn. ’S iomadh duine còir, gasda, òg agus sean, a tha air a thoirt a thaobh leis an deoch-làidir. Saoilidh mi gu ’m bheil e na ’dhìteadh mor air pàrantan a tha togail teaghlach ghillean, a bhi labhairt an aghaidh stuamachd na ’n làthair; oir an uair a chi iad an athair, duine tha na ’m beachd cho math ’sa th’ air an t-saoghal, a togail a ghuth an aghaidh stuamachd, their iad: “Cha ’n ’eil ar n-athair a faicinn coire sam bith ’san stuth-làidir, agus feumaidh gur esan tha ceart agus nach e sinne, agus leis a sin feuchaidh sinn dé is blas da.” Agus an uair a bhlaiseas iad aon uair air, tha iad ga ’n cur fein ann an cunnart fàs na ’m misgeirean. Tha duine an sid a dol a chur laimh na ’bheatha le puinnsean a ghabhail. Tha duin’ eile na sheasamh laimh ris, agus cha dean e uiread agus feuchainn ris a phuinnsein a thoirt as a làthair. Agus their e, “Gabhadh e a leor dheth; dé an gnothuch a th’ agam ris!” Nach ’eil an duine sin ann an tomhas ciontach de bhàs an duine eile, oir cha tug e ionnsaidh air a phuinnsein a thoirt uaithe. ’S ann mar sin a tha mu ’n stuth-làidir. Bha cruinneachadh nan Gàidheal aig a Chomunn sin an so o chionn da sheachduin, agus mar b’ àbhaist bha moran cruinn. Bha da phìobaire ann, Eachunn Domhnullach agus Pàdruig Mac Artair, da Ghaidheal ghasda. Bha Mac Griogair mor á Toronto a seinn orain; agus Miss Walker, mar an ceudna á Toronto, anns a chuideachd. Chuir iad seachad oidhche chridheil, shunndach. Cha ’n ’eil ach àite no dha eile ann an Ontario anns am bheil Gàilig air a searmonachadh mar tha i am Priceville, ged nach ’eil moran suim air uairibh ga ghabhail dhith. Ach tha ’n duine còir a tha ga ’searmonachadh a deanamh a dhleasanais. Cha mhor de na seana Ghaidheil tha beò a nis ’san àite so dhe ’n mhuinntir a dh’ fhuiling fuachd is acras o chionn leth-cheud bliadhna. Cha ’n ’eil iad ach gann ri ’m faotainn a nis. Chunnaic mi ainm Iain Dhughallaich, á Sowerby, ’sa MHAC-TALLA. Tha mise chomhnuidh laimh ri Domhnull a bhràthair, duine còir, gasda, agus deagh nàbaidh. Dh’ eug màthair Iain ’san àite so o chionn mios air ais. Dh’ fhàg i seann chompanach ’na aonaran, a ruith an corr da réis mar long gun stiùir. Chi mi gu ’m bheil Iain Mac Cuithein, á Boothville, a gabhail MHIC-TALLA am bliadhna rithist. Tha bean Iain na sgoileir math Gàilig, agus tha Gàilig mhath aig Iain fhein mar an ceudna. Tha dòchas agam gu ’n sgriobh e a dh’ ionnsuidh a phaipeir Ghàilig uair no uaireigin; oir ’s ann air son naidheachdan a tha e air a chur am mach. Tha e na leisgeul aig cuid nach urrainn daibh Gàilig a sgriobhadh. Cha ’n urrainn ’nuair nach ’eil iad a feuchainn ris. Cha d’fhuair mise ionnsachadh riamh ann an Gàilig. Feuchadh iadsan ri Gàilig a sgriobhadh agus theid aca ris math gu leor. “Far am bi toil bidh gniomh.” Ach tha mi dol air adhart tuilleadh is fada agus feumaidh mi stad. Slàn leibh an nochd. Is mi ’ur caraid, IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, Ian. 17, 1903. AN CEANNAICHE EADAILTEACH. (Air a leantuinn). AN àm do Phortia dealachadh r’a fear-posda labhair i gu misneachail ris, agus dh’ iarr i air a charaid a thoirt leis an uair a thilleadh e; ach bha i fo amharus gu ’n eireadh gu h-olc do dh-Antonio, agus an uair a dh’ fhagadh i leatha fhein, thoisich i air meorachadh an robh aon doigh no doigh eile anns am b’ urrainn di ruigheachd air caraid a Bassanio gaoil a shaoradh; agus ged gheall i, air son an tuilleadh urraim a chur air Bassanio, gu ’n geilleadh i gu malda macanta d’ a ghliocas-san mar thigeadh e do mhnaoi dhileis, air a shon so uile, a nis an uair a bha an cunnart anns an do sheas caraid caomh a fir-phosda ga ’cur fo ghluasad, cha robh teagamh aice ’n a cumhachd fein, agus làn d’ an bheachd so gun chead gun chomhairle, chuir i roimhpe gu ’n togadh i oirre do bhaile-mor Venice, agus gu ’n tagradh i anns a’ chuirt as leth Antonio. Bha aig Portia caraid a bha ’n a fhear-lagha (is e Bellario a b’ ainm da); sgriobh i a dh-ionnsaidh an duin’-uasail so, a’ cur an ceill gach ni mar bha, agus ag iarraidh a chomhairle agus aig a’ cheart àm gu ’m biodh e cho math ’s gu ’n cuireadh e ga ’h-ionnsaidh an fhalluinn a b’ abhaist da a chaitheamh an uair a bhiodh e a’ tagradh aig a’ mhòd. Thill an teachdaire le litrichean bho Bhellario ga ’seoladh mar dheanadh i, agus leis gach sìon a dh’ fheumadh i g’a h-uidheamachadh air son na cùirt. Sgeadaich Portia agus a bean-choimhideachd Nerissa iad fein ann an aodach-fhear, agus a’ cur uimpe falluinn an fhir-lagha thug i leatha Nerissa mar chléirich; agus a’ togail orra gun dail rainig iad baile-mor Venice, direach air latha na cuirt. Bha chuis direach a’ dol a bhi air a gairm an lathair an diuc agus comhairlich a’ bhaile ann an talla-mor a’ mhòid, an uair a thainig Portia a stigh agus shìn i suas litir bho Bhellario anns an d’ thuirt am fear-lagha ainmeil sin ris an diuc, gu ’n robh e fein a’ cur roimhe tighinn air aghaidh a thagar as leth Antonio, ach gu ’n robh e air a bhacadh le tinneas, agus dh’ iarr e gu ’n tugteadh cead agus cothrom do ’n sgriobhadair og, uasal Balthasar (is e so an t-ainm a thug e do Phortia) tagar ’n a àite. Cheadaich an diuc so, agus ioghnadh air cho og ’s a bha coltas a’ choigrich, agus i gu seolta grinn air a ceiltinn fo fhalluinn an fhir-lagha agus gruag fhada, bhàn air a ceann. Thug cudthromachd a’ ghnothaich a ghabh Portia os laimh an tuilleadh misnich do’n mhnaoi-uasail àillidh sin agus an taice a dleasnais ghabh i gun athadh, gun sgàth. Theann i an toiseach ri Shylock, an t-Iudhach; agus ag aideachadh gu saor, a reir laghannan na h-Eadailt, gu ’n robh lan choir aige air an dìoladh a bha air a chur sios anns a’ chumhnant, labhair i cho grinn mu iochd agus mu throcair ’s gu ’n tugadh e maothachadh air cridhe sa bith ach cridhe cruaidh Shylock; chuir i an ceill gu ’n robh trocair a’ braonadh mar fhrasan sèimh nan speur a nuas air an talamh; mar bha beannachd dùbailt a’ leantuinn trocair, a’ beannachadh an tì a nochd agus an tì a fhuair trocair; mar thigeadh trocair do rìghrean na b’ fhearr na an crùin, a chionn gu ’m b’ aon de bhuaidhean Dhe fhein trocair; gu ’n robh cumhachd an duine a tighinn dluth do chumhachd Dhe a reir ’s mar bha e a’ taiseachadh ceartais le trocair; agus ghairm i air Shylock e a chuimhneachadh mar ghuidheamaid uile air son trocair, gu ’n tigeadh e dhuinn trocair a nochdadh. Cha ’n fhaigheadh i smid fhreagairt bho ’n Iudhach ach tagradh air son an ùnlagh a bha air ’ainmeachadh anns a chumhnant. “Nach ’eil e comasach an t-airgiod a phaigheadh?” arsa Portia. Thairg Bassanio an sin do’n Iudhach làn phaigheadh thairis is thairis; cha b’ e mhain tri mile bonn òir, ach de dh-òr na thoilicheadh e; rud a dhiult Shylock ag radh nach gabhadh e ni ach punnd de fheoil Antonio. Dh’ aslaich Bassanio air an sgriobhadair og gu ’n claonadh e an lagh anns an tomhas a bu lugha agus gu ’n caomhnadh e beatha Antonio. Ach fhreagair Portia gu smalanach, aon uair ’s gu’n rachadh lagh a shuidheachadh nach robh e comasach ’atharrachadh. An uair a chuala Shylock Portia ag radh nach gabhadh an lagh atharrachadh shaoil e gu’n robh i a’ gabhail a thaobh, agus ghlaodh e mach, “Tha Daniel fhein air tighinn a thoirt breith! O mo bhreitheamh og, glic, is tu is airidh air urram! Tha thu fada na ’s sine na do choltas!” Dh’ iarr Portia an sin air Shylock an cumhnant a leigeil ’fhaicinn di; agus an uair a leugh i e thuirt i, “Tha an gealladh so briste, agus a reir mar tha mise ga ’leughadh tha coir aig an Iudhach air punnd de fheoil ri bhi air a ghearradh á uchd Antonio, lamh ris a’ chridhe.” Thuirt i agus i a’ tionndadh ri Shylock, “Bi trocaireach; gabh an t-airgiod, agus ceadach dhomh an gealladh so a shracadh.” Ach cha chluinneadh Shyloch an-iochdmhor iomradh air trocair; agus fhreagair e “Tha mi a’ toirt mo mhionnan air gach ard agus iosal nach ’eil cumhachd ann an teanga an duine a tha comasach air mo ghluasad bho ’n ni sin a tha mi a’ cur romham.” “Ma tha sin mar sin,” arsa Portia ri Antonio, “feumaidh tusa do bhroilleach a dheanamh deas air son na sgine;” agus am feadh a bha Shylock gu dian a’ geurachadh na cuirce chum am punnd feola a ghearradh dh’ fheoraich Portia de dh-Antonio, “A bheil diog agad ri radh?” Fhreagair Antonio gu siochail, ciuin, nach robh a’ bheag aige ri radh, a chionn gu’n robh inntinn cheana leagte ris a’ bhàs. An sin thuirt e ri Bassanio, “Fair dhomh do laimh, a Bhassanio! Slàn leat! na bi fo dhoilgheas air son gu’n d’ thainig am mi-fhortan so ormsa air do sgàth. Thoir mo bheannachdan do d’ mhnaoi oig àillidh, agus innis di cho mor ’s a bha mo ghradh dhuit!” Fhreagair Bassanio agus a’ chridhe bronach làn, “Antonio, tha mi pòsda air mnaoi, a tha cho annsail agam ri m’ bheatha; ach bu bheag leam mo bheatha, mo bhean, agus an saoghal gu h-iomlan ann an coimeas ri d’ bheatha-sa. Chaillinn iad uile, dh’ iobrainn iad gu leir do’n abharsair so air ghaol thusa chaomhnadh.” An uair a chuala Portia so, ged nach robh a’ bhean-uasal chaomh idir diombach d’ a fear-posda air son mar chuir e an ceill ann am briathran cho làidir, a ghaol agus a chomain do charaid cho dileas ri Antonio, ars’ ise, “cha tugadh do bhean buidheachas duit, na ’n robh i a lathair agus do chluinntinn a tairgseadh e leithid sin.” Dh’ eirich an sin Gratiano, agus e toileach eiseimpleir a mhaighstir a leantainn, agus e a smaointeachadh gu’m bu choir guth a bhi aige-san anns a’ ghnoth- [TD 125] [Vol. 11. No. 16. p. 5] ach cho math ri cach; ars’ esan ann an eisdeachd Nerissa, a bha ’n a suidhe ann an riochd cleirich aig taobh Portia, “Tha agamsa bean agus, air m’ fhacal, tha gaol agam oirre; b’ fhearr leam gu’n robh i an ceart uair am flaitheanas na ’m b’ urrainn di iompaidh a chur air na cumhachdan gu h-ard inntinn an Iudhaich aingidh so atharrachadh.” “Is math dhuit nach ’eil i ga d’ chluinntinn,” arsa Nerissa, “air neo cha chuirinn geall nach togadh e aimhreit ann ad thigh.” Ghlaodh Shylock a mach le boile, “Tha sinn a’ cur seachad uine; guidheam ort thoir a mach a’ bhinn.” Bha gach neach anns a’ chuirt a nis fo fhiamh agus gach cridhe fo dhoilgheas air son Antonio. Dh’ fheoraich Portia an robh meidh deas a thoimhseadh an fheoil; agus ars’ ise ris an Iudhach; “A Shylock feuch gu ’m bi lighiche dluth, air eagal gu ’m faigh e bàs le dith fala.” Cha robh a dhìth air Shylock ach gu ’n sileadh Antonio gu bàs, uime sin thuirt e, “Cha ’n ’eil sin air ainmeachadh anns a’ ghealladh.” “Cha ’n ’eil,” arsa Portia, “ach ciod air a shon sin? Bu mhath gu ’n deanadh tu an urad sin air son iochd.” Ach facal cha tigeadh bho ’n Iudhach ach, “Cha ’n amais mi air; cha ’n ’eil e anns a’ chumhnant.” “Is e do chòir, ma ta,” arsa Portia, “punnd de fheoil Antonio. Tha an lagh ga ’cheadachadh, agus tha a’ chuirt ga ’bhuileachadh.” Ghlaodh Shylock a mach a rithist, “O mo bhreitheamh glic agus firinneach! Tha Daniel fein air tighinn a thoirt breith!” An sin gheuraich e a rithist an sgian fhada a bha ’n a laimh, agus ag amharc gu dil air Antonio, ars’ esan “So, dean deas!” “Socair bhoidheach, Iudhaich,” arsa Portia, “tha rud-eigin eile an so fhathast. Cha ’n ’eil an gealladh so a’ toirt aon bhraon fala dhuit; tha na briathran ag radh gu soilleir, punnd feola; a nis, an uair a tha thu a’ gearradh na feola, ma dhoirteas tu aon bhraon de dh’-fhuil a’ Chriosdaidh so, buinear bhuait gach fearann agus maoin a tha agad agus gabhar iad le uachdranachd Venice.” Bha e gu tur eu-comasach do ’n Iudhach am punnd feola a ghearradh á uchd Antonio gun deur fala a dhortadh, uime sin, shaor Portia leis an t-seol innleachdach so beatha Antonio; rud ’n uair a chunnaic na bha lathair bha iad air an lionadh le h-ioghnadh ri gliocas anabarrach a chomhairlich oig a bhreithnich an doigh sheolta ghrinn, agus thog iad iolach ait bho gach oisinn d’ an mhòd; agus ghlaodh Gratiano, agus e ag ailis air an Iudhach, “O mo bhreitheamh glic agus firinneach! Seall a nis, a bhodaich, Daniel fein air tighinn a thoirt breith!” An uair a mhothaich Shylock gu ’n deachaidh a run fuilteach a thilgeadh bun os cionn, chaill e gu tur a mhisneach agus thuirt e gu’n gabhadh e an t-airgiod; ghlaodh Bassanio, agus a thoil-inntinn a’ cur thairis ri faicinn na saorsainn a thainig air Antonio, “So an t-airgiod!” Ach chuir Portia stad air, ag radh, “Air d’ fhaicill; cha ’n ’eil aobhar cabhaig ann; cha ’n fhaigh an t-Iudhach ach an t-ùnlagh; uime sin, a Shylock, dean deas air son na feoladaireachd; ach feuch nach doirt thu deur fala; agus na gearr mòr no beag ach direach punnd; biodh e thairis air an tomhas no fodha, ged nach biodh ann ach cudthrom na faochaig, ged nach biodh ach na dh’aomadh a’ mheidh leud na ròinneig, theid do dhiteadh gu bàs le lagh na rioghachd, agus d’ uile bheairteas a thoirt thairis do ’n uachdranachd.” “Thugaibh dhomh m’ airgiod agus leigibh as mi,” arsa Shylock. “Tha e ullamh ann a’ so,” arsa Bassanio. Bha Shylock ’dol a ghabhail an airgid an uair a bhac Portia a rithist e, ag radh, “Air d’ athais, Iudhaich; tha greim eile agam ort fhathast. A reir laghannan Venice tha do mhaoin gu leir an geall do ’n uachdranachd, a chionn gu ’n do thionnsgain thu lamh a chur ann am beatha aon de luchd-àiteachaidh a’ bhaile agus tha do bheatha fo throcair an diuc; a sios air do ghluinean, ma tà, agus iarr maitheanas.” Thuirt an diuc an sin ri Shylock, “A chum gu ’m faic thu iochdmhoireachd a’ Chriosdaidh, tha mi a’ toirt dhuit maitheanais m’am beil thu ga aslachadh; theid darna leth do mhaoin a thoirt do dh-Antonio agus an leth eile do ’n uachdranachd.” Fhreagair an t-uasal suairce Antonio, gu ’n tugadh esan suas earrann fein de mhaoin an Iudhaich, na ’n cuireadh an t-Iudhach ’ainm ri boid a tiomnadh a chodach aig àm a bhais d’ a nighinn agus d’ a fear-posda; oir bha fhios aig Antonio gu ’n robh aig Shylock aon- ghin nighinn a bha goirid roimhe sin air oganach Criosdaidh a phosadh d’ am b’ ainm Lorenzo, caraid do dh-Antonio; gu ’n do rinn i so fada an aghaidh toil an Iudhaich, rud a chuir miothlachd mor air, agus gu ’n do bhuin e uaipe uime sin a coir-bhreith. Dh’ aontaich an t-Iudhach so a dheanamh; agus a’ faicinn mar bha e mar so air a ghlacadh ’n a chuilbheartan, agus air a chreachadh d’ a chuid beairteis, thuirt e, “Tha mi gu tinn; leigibh dhachaidh mi; cuiribh an sgriobhadh as mo dheigh agus cuiridh mi m’ ainm ris, a’ sineadh thairis do m’ nighinn darna leth mo chuid an t-saoghal.” “Tog ort, ma ta,” thuirt an diùc, “agus feuch gu ’n dean thu sin; agus ma nì thu aithreachas de d’ dhroch-bheart, agus a so suas gu ’m bi thu ad Chriosdaidh, bheir an uachdranachd maitheanas duit anns an leth eile d’ bheairteas.” Leig an diuc as Antonio agus sgaoil am mòd. Mhol e gu h-ard gliocas agus ealantachd a’ chomhairlich òig agus thug e cuireadh dha a dh-ionnsaidh a thighe a dh’ itheadh bìdh leis. Leis gu ’n robh a run air Portia tilleadh do Bhelmont m’ an ruigeadh a fear posda, fhreagair i, “Tha mi a’ toirt mor thaing do ur morachd, ach feumaidh mi falbh gun dàil.” Thuirt an diuc gu ’n robh e duilich nach ceadaicheadh a dheifir dha dol agus greim a ghabhail leis; agus a’ tionndadh ri Antonio, ars’ esan, “Thoir duais do ’n duin’-uasal so; oir is i mo bharail gu bheil thu fo mhor chomain da.” An uair a dh’ fhag an diuc agus an luchd-lagha a’ chuirt thuirt Bassanio ri Portia, “M’ uasal caomh, tha mise agus mo charaid Antonio an diugh troimh do ghliocas-sa air ar saoradh o unlagh trom, tha mi a’ guidhe ort, ma ta, gu ’n gabh thu an tri mile bonn oir a bha againn ri ìocadh do ’n Iudhach.” “Agus a bharr air sin,” arsa Antonio, “bidh sinn fo fhiachan graidh agus umhlachd duit gu bràth.” Dhiult Portia lamh a chur air bonn d’ an òr; ach air do Bhassanio iompaidh a chur oirre duais air choreigin a ghabhail, ars’ ise’ “Thoir dhomh do lamhainnean; caithidh mi iad air do sgàth. Thug Bassanio dheth a lamhainnean agus chunnaic Portia am fainne a thug i fein da air a mheur. Is e so a bha dhìth air an aluinn sheolta, oir bha toil aice ’fhaighinn uaith agus gu ’m biodh beagan àbhachd aice mu ’n chuis an uair a thachradh iad a rithist. Ars’ ise, “gabhaidh mi am fàinne so mar chuimhneachan ort.” Bha Bassanio air a chur thuige gu mor an uair a dh’ iarr am fear-lagha an t-aon nì sin ris nach b’ urrainn da dealachadh, agus fhreagair e gu buaireasach, nach fhaodadh e am fàinne a thoirt da, a chionn gur ann bho ’mhnaoi a fhuair e e, agus gu’n do gheall e nach dealaicheadh e ris; ach gu ’m foraisicheadh e mach am fàinne a bu luachmhoire ann am baile-mor Venice agus gu ’n tugadh e dhi e. Air cluinntinn so, ghabh Portia oirre a bhi air a tàmailteachadh agus dh’ fhag i a’ chuirt, ag radh, “Is ann a tha thu ga m’ fhreagairt mar nach robh agad annam ach an déirceach.” “A Bhassanio mo ghaoil,” arsa Antonio, “thoir dha am fàinne; agus cuir mo ghradhsa agus an gniomh do-labhairt a rinn an duin’-uasal as mo leth, an aghaidh corruich do mhnatha.” Bha naire air Bassanio gu ’n saoilteadh gu ’n robh e neo-thaingeil; gheill e agus chuir e Gratiano as deigh Phortia leis an fhainne. An sin dh’ iarr Nerissa bho ’n d’ fhuair Gratiano fainne cuideachd an uair a phos iad, dh’ iarr i am fàinne air ais, agus (le toil a bhi cho fada mach r’ a mhaighstir) thug Gratiano dhi am fainne. Is ann aig na mnathan-uasal a bha an àbhachd air an turus a’ smaointeachadh mar thàirngeadh iad as na fir an uair a thilleadh iad dachaidh air son mar dhealaich iad ris na fainneachan, agus mar dh’ fhagadh iad orra gu ’n d’ thug iad do leannain air chor-eigin iad. An uair a thill Portia dhachaidh bha a h-inntinn anns an t-suidheachadh sholasach sin a tha a’ sruthadh o dhearbh-bheachd a bhi aig aon gu ’n do rinn e gniomh ceart; bha a h-inntinn gu h-aoibhneach a’ gabhail tlachd anns gach ni a chunnaic i; cha ’n fhacas leatha riabh a’ ghealach a’ dearrsadh cho oirdhearc; agus an uair a cheil a’ ghealach a gnuis fo neul, leum a h-inntinn le aiteas aig faicinn leus soluis ’n a h-uinneig fein ann am Belmont, agus thuirt i ri Nerissa, “Tha an solus sin a’ lasadh ann an talla mo theach; cho fada ’s a tha a’ choinneal bheag sin a’ tilgeadh a gathan, is co fhada a dhealraicheas deadh ghniomh ann an saoghal uile;” agus a’ cluinntinn fuaim ciuil a’ teachd bho ’n tigh ars’ ise, “Thar leam gu bheil an ceol sin moran na ’s binne na bhiodh e ’s an latha.” Chaidh Portia agus Nerissa a stigh; chuir iad orra an aodaichean fein agus dh’ fhuirich iad a’ feitheamh am fir-phosda. Cha b’ fhada gus an d’ thainig iad agus Antonio ’n an cuideachd. Thug Bassanio a charaid caomh an lathair na mna-uaisle àillidh, Portia, ach is gann a bha an fhailte agus am furan a chuir iad air a cheile thairis, an uair a thug iad an aire do Nerissa agus a fear-posda a’ conspaid ann an oisinn d’ an t-seomar. “Ciod e is ciall do so?” arsa Portia; “an e gu bheil sibh a’ cur a mach air a cheile cheana? ’Dé tha cearr?” Fhreagair Gratiano, “Tha, le ur cead, an iorghuill mu fhainne leibideach fheòdair a thug Nerissa dhomhsa, air an robh facail bhardachd air choreigin mar chithear iomadh uair air na sgeanan, “Gràdhaich mi agus na tréig mi.” Cha ’n e luach an fhainne no a’ bhardachd air a bheil mi a’ tighinn,” arsa Nerissa. “Gheall thu dhomhsa an uair a thug mi dhut e, gu ’n gleidheadh tu e gu latha do bhàis; agus a nis tha thu ag radh gu ’n d’ thug thu do chleireach fir-lagha e. Tha fhios gle mhath agamsa gu’n d’ thug thu do bhoirionnach e.” “Mo lamh dhuit,” arsa Gratiano, “thug mi e do dh-òganach, leth bhalach, gasan greannach nach bu mhò na thu fein; bha e ’n a chleireach aig a’ chomhairleach og a shaor le a thagradh glic beatha Antonio; ghuidh agus ghrìos an giullan so air son duais eigin agus cha b’ urrainn domh air mo bheatha a dhiultadh.” “Rinn thu rud a bha cearr, a Ghratiano,” arsa Portia, “dol a dhealachadh ris an fhainne a thug do cheile dhuit mar a ciad thiodhlac. Thug mise fainne do m’ thighearna Bassanio, agus is mì tha cinnteach nach dealaicheadh esan ris air son na chunnaic e riabh.” Thuirt Gratiano, agus toil aige a leisgeul fein a ghabhail, “Thug mo thighearna Bassanio am fainne aige fein do ’n chomhairleach, agus an sin ghuidh am balachan cleirich, a rinn a dhleasnas gu tapaidh aig a’ mhod, am fainne agamsa ’fhaighinn.” Ghabh Portia oirre a bhi fo chorruich mhoir an uair a chual i so; thoisich i air achmhasan a thoirt do Bhassanio mu’n fhainne; thuirt i gu’m [TD 126] [Vol. 11. No. 16. p. 6] bu cheart an t-amharus a bha aig Nerissa gu ’n d’ thug iad na fainneachan do leannain air choreigin a thachair orra. Bha Bassanio ro dhuilich am miothlachd a thug e da cheile chaoimh, agus fhreagair e gu durachdach, “Cha d’ thug, air m’ fhacal, cha d’ fhuair bean fo ’n ghrein e ach am fear-lagha. Dhiult e tri mile bonn oir bhuam, agus dh’ iarr e am fainne, rud ’n uair a dhiult mi dha, thog e air ’s e lan diumb. Ciod a b’ urrainn domh a dheanamh, a Phortia, a bhean mo ghaoil? Bha a leithid a naire orm air son gnothach cho mi-thaingeil a dheanamh ’s gu ’n d’ fheum mi am fainne a chur as a dheigh. Thoir maitheanas domh, a bhain-tighearna chaoin; na ’n robh thu fein ann, tha mi dearbh-chinnteach gur ann a bheireadh tu bhuam am fainne ga ’thoirt do’n fhear-lagha.” “Och, nach truagh an duine mise!” arsa Antonio, “is ann air mo sgathsa a thachair gach brionglaid a tha ’n so.” Dh’ iarr Portia air Antonio gun e ’ghabhail doilgheis mu’n chuis, oir gu ’m b’ e a làn bheathasan thun a tighe; agus an sin thuirt Antonio, “Chuir mise mo bheatha an geall aon uair air sgath Bhassanio, agus mur bhith am fear d’ an d’ thug d’ fhear-posda am fainne bha mise an diugh fo’n ùir. Cuiridh mi mo cheann an geall a rithist nach meall do thighearna tuille thu.” “Theid thusa an urras air, ma ta,” thuirt Portia; “thoir da am fainne so agus iarr air a ghleidheadh na ’s fhearr na a ghleidh e am fear eile.” An uair a sheall Bassanio air an fhainne, ciod a b’ iongantaiche leis na ’fhaicinn gu ’m b’ e a’ cheart fhainne a thug e seachad a bha ann; agus an sin dh’ innis Portia dha gach car mar thachair—gu’m b’ ise an comhairleach og, agus gu’m b’ i Nerissa an cleireach; agus thuig Bassanio, agus cha bu bheag a thoilinntinn agus a thaitneas an uair a thuig e gu’m b’ ann troimh fhiùghantachd agus troimh ghliocas a mhnatha gaolaich a chaidh beatha Antonio a chaomhnadh. Chuir Portia failte as ùr air Antonio, agus chuir i ’n a laimh litrichean a fhuair i air sheol air chor-eigin, anns an robh fios gu’n robh na luingeis aig Antonio a shaoil daoine bhi caillte an deigh tighinn sabhailte gu cala. Chaidh toiseach bronach an sgeoil mu’n cheannaiche shaibhir so gu tur air dhi-chuimhn’ anns a’ ghairdeachas a lion gach neach ris an teachdaireachd àigh agus an solas a lean i. B’ iomadh gaire a bha aca mu dhriod-fhortan nam fainneachan agus mu na fir nach d’ aithnich am mnathan fein. Thug Gratiano boidean— Ri ’bheo nach b’ eagal leis rud a bu mhiosa Na gu ’n caillteadh gu bràth leis am fàinn’ aig Nerissa. SGEULACHD A PHEATA BHAIN. BHA tuathanach ann roimhe so aig an robh peata bàn; agus an uair a bha ’n Nollaig a’ teannadh air smaoinich e gum marbhadh e e. Chuala am peata bàn sin agus smaoinich e gu ’n teicheadh e, agus ’s e sin a rinn e. Cha deachaidh e fada an uair a thachair tarbh air. Thuirt an tarbh ris, “Fàilte dhutsa, a pheata bhàin; c’àit’ am bheil thusa a’ dol?” “Tha mi,” ars’ am peata bàn, “a’ falbh a dh’ iarraidh an fhortain. Bha iad a’ dol ga m’ mharbhadh a dh’ ionnsuidh na nollaig, agus smaoinich mi gu ’m b’ fhearr dhomh teicheadh.” “’S fhearr dhomhsa,” ars’ an tarbh, “falbh leat: oir bha iad a’ dol a dheanamh a leithid eile ormsa.” “Tha mi toileach,” ars’ am peata bàn; “mar is mò a’ chuideachd ’s ann is fhearr an làn-aighir.” Ghabh iad air an aghaidh gus an do thachair cù orra. “Fàilte dhut, a pheata bhàin,” ars’ an cù. “Fàilte dhut fhéin, a choin.” “C’àit’ am bheil thu dol?” ars’ an cù. “Tha mi a teicheadh, o’n a chuala mi gu ’n robh iad a’ bràth mo mharbhadh air son na nollaig.” “Bha iad a’ dol a dheanamh a leithid cheudna ormsa,” ars’ an cù, “agus falbhaidh mi leibh.” “Thig, mata,” ars’ am peata bàn. Dh’ fhalbh iad an sin gus an do chomhlaich cat iad. “Fàilte dhut, a pheata bhàin,” ars’ an cat. “Fàilte dhut fhéin, a chait.” “C’àit’ am bheil thu dol?” ars’ an cat. “Tha mi a’ dol a dh’ iarraidh an fhortain,” ars’ am peata bàn, “a chionn gu ’n robh iad a’ dol ga m’ mharbhadh air an nollaig.” “Bha iad ag iomradh air mise mharbhadh cuideachd,” ars’ an cat, “agus ’s fhearr dhomh falbh leibh.” “Thugainn, mata,” ars’ am peata bàn. Ghabh iad an sin air an aghaidh gus an do choinnich coileach iad. “Fàilte dhut, a pheata bhàin,” ars’ an coileach. “Fàilte dhut fhéin,” ars’ am peata bàn. “C’àite,” ars’ an coileach, “am bheil thu a dol?” “Tha mi,” ars’ am peata bàn, “a’ falbh o’n a bha iad a maoidheadh mo mharbhadh aig an nollaig.” “Bha iad a’ dol ga m’ mharbhadh-sa aig an àm cheudna,” ars’ an coileach, “agus theid mi leibh.” “Thig, mata,” ars’ am peata bàn. Ghabh iad air an aghaidh gus an do thachair gèadh orra. “Fàilte dhut, a pheata bhàin,” ars’ an gèadh. “Fàilte dhut fhéin, a gheòidh,” ars’ am peata bàn. “C’àit’ am bheil thu ’dol?” ars’ an gèadh. “Tha mise,” ars’ am peata bàn, “a’ teicheadh, a chionn gu ’n robh iad a dol ga m’ mharbhadh aig an nollaig.” “Bha iad a dol a’ dheanamh sin ormsa cuideachd,” ars’ an gèadh, “agus falbhaidh mi leibh.” Ghabh a’ chuideachd air an aghaidh gus an robh an oidhche ’teannadh orra, agus chunnaic iad solus beag fada bhuatha, ’s ge b’ fhada bhuatha cha b’ fhada ’ga ruigheachd. An uair a ràinig iad an tigh, thuirt iad ri ’chéile gu ’n amhairceadh iad a stigh air an uinneig a dh’ fhaicinn co a bha anns an tigh, agus chunnaic iad meairlich a’ cunntas airgid, agus thuirt am peata bàn, “Glaodhaidh na h-uile aon againn a ghlaodh féin. Glaodhaidh mise mo ghlaodh fhéin; agus glaodhaidh an tarbh a ghlaodh féin; glaodhaidh an cù a ghlaodh féin; agus an cat a ghlaodh féin; agus an coileach a ghlaodh féin; agus an gèadh a ghlaodh féin.” Leis a sin thug iad aon ghàir asda. An uair a chuala na meairlich a’ ghàir a bha muigh, shaoil iad gu ’n robh ’n donas ann, agus theich iad a mach, agus dh’ fhalbh iad do choille a bha dlùth dhaibh. An uair a chunnaic am peata bàn agus a chuideachd gu ’n robh an tigh falamh chaidh iad a stigh, agus fhuair iad an t-airgiod a bha aig na meairlich ’ga chunntas, agus roinn iad eatorra féin e. An sin smaoinich iad gu ’n gabhadh iad mu thàmh. Thuirt am peata bàn, “C’àit’ an cadil thus’ an nochd, a thairbh?” “Caidlidh mise,” ars’ an tarbh, “cùl an doruis far an àbhaist domh.” “C’àit’ an caidil thu féin, a pheata bhàin?” “Caidlidh mise,” ars’ am peata bàn, “am meadhain an ùrlair far an àbhaist domh.” “C’àit’ an caidil thusa, ’choin?” ars’ am peata bàn. “Caidlidh mise taobh an teine far an àbhaist domh,” ars’ an cù. “C’àit’ an caidil thusa, ’chait?” “Caidlidh mis’,” ars’ an cat, “ann am preas nan coinnlean, far an toil leam a bhith.” “C’àit’ an caidil thusa, ’choilich?” ars’ am peata bàn. “Caidlidh mise,” ars’ an coileach, “air an spàrr far an àbhaist domh.” “C’àit’ an caidil thusa, ’gheòidh?” “Caidlidh mise,” ars’ an gèadh, “air an dùnan far an robh mi cleachte ri bhith.” Cha robh iad fada air gabhail mu thàmh an uair a thill fear de na meairlich a dh’ amharc a stigh feuch am mothaicheadh e an robh aon sam bith ’san stigh. Bha na h-uile ni sàmhach, agus dh’ ialaidh e air aghaidh gu preas nan coinnlean airson coinneal a lasadh e ’dheanadh soluis da, ach an uair a chuir e làmh ’sa bhocsa shàth an cat ìnean na ’laimh, ach thug e leis a’ choinneal agus dh’ fheuch e ri ’lasadh. An sin dh’ éirich an cù agus chuir e ’earball ann am poit uisge bha aig taobh an teine; chrath e ’earball agus chuir e as a choinneal. Shaoil am meairleach an sin gu ’n robh an donas ’san tigh agus theich e; ach an uair a bha e dol seachad air a’ pheata bhàn thug e buille dha; mu ’n d’ fhuair e seachad air an tarbh thug e breab dha; agus thòisich an coileach air glaodhaich; agus an uair a chaidh e mach thòisich an gèadh air a ghreada le ’sgiathan mu na luirgnean. Chaidh e do ’n choille far an robh a chompanaich cho luath ’sa bha ’na chasan. Dh’ fheòraich iad dheth cia mar chaidh dha. “Cha deachaidh,” ars’ esan, “ach meadhonach. An uair a chaidh mi gu preas nan coinnlean bha fear ann a shàth deich sgeanan ann am laimh, agus an uair a chaidh mi gu taobh an teine a lasadh na coinneal, bha fear mor, dubh ’na laidhe ann a bha spreadadh uisge oirre ’ga cuir as, agus an uair a thug mi làmh air dol a mach bha fear mor am meadhain an ùrlair a thug utag dhomh, agus fear eil’ aig cùl an doruis a phut a mach mi, agus bha ablach beag air an fharadh a glaodhaich a mach, ‘Cuir an nios an so e ’s foghnaidh mi fhein dha,’ agus bha griasaich a mach air an dùnan ga m’ ghreadadh mu na casan le apran.” An uair a chual’ na meairlich sin cha do phill iad a dh’ iarraidh an cuid airgid, agus fhuair am peata bàn agus a chompanaich dhaibh fein e, agus chum e socair iad am feadh ’sa bha iad beò. AN GEAMHRADH ANN AN NEWFOUNDLAND—Tha geamhradh doirbh gu leòr againn fein ’san dùthaich so, ach tha ’n geamhradh a th’ aca ’n Newfoundland a toirt bàrr air. Cha robh uiread sneachd’ ann o chionn àireamh bhliadhnachan. Tha an rathad-iarainn gu tric air a dhùnadh leis ’s na trèineachan air an stad—aon uair bha ’n trèin a dh’ fhàg St. John’s ceithir latha anmoch a ruigheachd a ceann-uidhe aig Port-aux-Basque. Chaill an soitheach-smùide Bruce àireamh thursan o’n thàinig an geamhradh. TEINTEAN AN SIDNI—Bha da dhroch theine ann an Sidni Di-ciaduin. Mu dha uair ’sa mhaduinn ghabh an togalach aig Burchell air sràid Shearlot, agus chaidh a losgadh gu làr. Bha ’n obair-uisge ann an deagh uidheam, agus ged bha soirbheas làidir ann aig an àm, chumadh an teine gun sgaoileadh. Bha anns an togalach so, a bharrachd air stòr nan Sutharlanach, offices aig luchd-lagha ’s aig muinntir eile, agus bidh an call uile gu léir na shuim mhor.—Aig a cheart àm bha teine dol air adhart ann an tigh tasgaidh air laimhrig LeCras, an ceann deas a’ bhaile. Chaidh e sin a thur losgadh cuideachd, ’s gach ni a bha na ’bhroinn. SGAOILEADH NA COMHAIRLE—Air a’ cheathramh la fichead de Ianuaraidh thug comhairle na siorrachd so suidhe a’ gheamhraidh gu crìch. Bha iad cruinn fad thri seachduinean, ach a mach o’n chònsachadh a bh’ aca mu ’n tigh-chaothaich, cha robh fa ’n comhair ach na gnothaichean àbhaisteach. Latha mu’n do sgaoil iad dh’ aontaich iad oifigeach a thaghadh air-son an Scott Act a chur air obair ’san t-siorrachd. Thugadh an dreuchd do Iain I. Domhnullach, ann an Sidni, agus shuidhicheadh a thuarasdal aig ceud dolair ’sa bhliadhna. Tha uaislean na comhairle a reir coltais air fhaotainn a mach gu bheil an sluagh toileach an lagh a th’ aca chumail ’s a chur air obair. A SIREADH DHILEABACH—Chaochail fear d’ am b’ ainm Iain Mac Neill ann an Spokane, Wash., o chionn ghoirid, agus tha ’n luchd-lagha tha ’laimhseachadh na dh’ fhàg e na dhéigh a’ feuchainn ri fhaighinn a mach có e, ’s an d’ fhàg e càirdean. Bhuineadh e do na Roinnean Iochdrach—a réir gach coltais do Cheap Breatunn—ach cha ’n ’eil fhios air an dearbh àite. Bha deagh Ghàilig aige. Bha e na ’dhuine mor foghainteach, agus mu leth-cheud bliadhna dh ’aois. Bha e ann an Spokane a’ mèinneadaireachd, agus bha e bharrachd air sin a cumail fearainn air an robh e togail spreidhe. B’ fhiach na dh’ fhàg e uile gu léir mu fhichead mìle dolair. [TD 127] [Vol. 11. No. 16. p. 7] Litir a Lag an t-Slocain. A CHARAID GHASDA,—Thachair dhomh a bhi air chuairt o chionn ghoirid ann am Mèinn Chaledonia, baile beag a tha astar goirid bho ’n àite so. Tha iomadh Gàidheal is bana-Ghàidheal a chomhnuidh anns a chearna so dhe ’n eilean—agus co an cearna dhe ’n t-saoghal anns nach ’eil iad? Ged nach ’eil mise gle eolach air daoine ’s na taobhannan ud, dh’ fhaodainn a bhi glé chinnteach gu ’m b’ e làn dìth mo bheatha fuireach comhla riutha fad mios na ’n tograinn fhéin; oir cha ’n ’eil daoine an diugh air ùr-uachdar an domhain cho coibhneil, càirdeil, bàigheil, teò-chridheach ris na Gàidheil. An déis dhuinn a bhi greis a seanachas mu chaochladh nithean, thuirt caraid rium gu ’n robh ogha do Niall Ruadh Mór a fuireach ceum no dha suas bho ’n taigh aigesan, agus gur a docha gu ’n robh roinn mhath de dh’ orain a sheanar aige. Ghrad chaidh sinn suas gu taigh Ruairidh Mhic-a-Bhiocair, far an d’ fhuair sinn ar fàilteachadh gu cridheil. Bha mi làn chinnteach gu ’m biodh orain Nèill ruaidh aig Ruairidh, ach bha mi air mo mhealladh. Dh’ innis e dhomh nach robh aige ach ceathramh an sid ’s an so dhiubh—nach robh aon dhe ’chuid orain slàn aige. Ach thuirt e gu ’m b’ aithne dha seann duine aig an robh moran dhiubh, na ’m biodh e toileach an toirt seachad. “Bha fear do ’m b’ ainm Arbuckle,” arsa Ruairidh, “maighstir-sgoil a bh’ ann an Sidni, cha chreid mi, a dol a mach gu Catalòn, far an robh mo sheanar a fuireach gus a chuid orain a sgriobhadh sios. An oidhche mu’n deachaidh e do Chatalòn fhuair mo sheanar fios gu ’n do bhàthadh a dhithis mac—m’ athair fhéin agus a bhràthair—aig Scatarie. Ghabh e bàthadh a chuid mac cho cruaidh ’s nach do rinn e oran riamh tuilleadh ach aona mharbhrann ga ’n caoidh. Agus mar sin cha deachaidh a chuid oran a sgriobhadh sios riamh.” Tha dùil aig Ruairidh an duine aig am bheil orain a sheanar fhaicinn; agus ma bhios mi fhìn ann an slàinte mhath theid mi gu deimhine ga ’fhaicinn, ged a b’ ann dha m’ chois, sin ri radh ma chuireas Ruairidh fios ugam. Thàinig aon dhe na h-orain aig Niall Mac-a-Bhiocair (Niall ruadh mór) am mach ann an leabhar a chlo-bhualadh ann an Glascho o chionn naodh bliadhna. ’S e a b’ ainm dha “Oran nan cat.” Chuireadh an leabhar am mach leis an Urr. Gilleasbuig Domhnullach, ann an Kiltarlity. B’ e Uist Bards a b’ ainm dha—na h-orain a b’ fhearr a rinneadh ann an Uidhist mu thuath o linn Iain Mhic Odrum. Thàinig “Oran nan cat” am mach anns a’ MHAC-TALLA. Chunnaic mi litir bheag, laghach anns a’ MHAC-TALLA o chionn ghoirid a sgriobhadh le M. Mac Laomuinn. So mar a chuala mise am port air am bheil e ’bruidhinn. (’S e ’s docha gu bheil eadar-dhealachadh air mar a ghabhadh iad port ’san Eilean Sgitheanach seach mar a ghabhadh iad e ann an Uidhist):— “Hó, mur a danns’ thu direach, Hé, mur a ruidhl’ thu dòigheil, Hó, mur a danns’ thu direach Theid am prìne na do chòta; Mur a dean thu dannsa direach, Mur a dean thu ruidhle dòigheil, Mur a dean thu dannsa direach Theid am prìne na do chòta.” Tha mi ’n dochas gu ’n sgriobh an Gàidheal coir so fhathast gu MAC-TALLA. Co thachair taghal orm an oidhche roimhe ach Iain ruadh, ogha do Dhonnachadh ruadh, air an tug mi iomradh ann an litir a sgriobh mi ugad roimhe. ’S e fhein a bheireadh hùg air na h-orain. Agus gu cinnteach ’s iomadh oran a bh’ aige. An deigh dha oran no dha a sheinn a rinn e fhein, thoisich e air an fhear so, a tha air fonn “Cabar-féidh.” Tha an t-oran air a dheanamh mar gu ’m b’ ann eadar duine is bean. Chaidh iad troimhe-chéile, agus dhochainn esan gu dona i. Theich ise le ’beatha, agus esan a dol ga ’crochadh, mur a biodh i umhail dha, aig ceann àtha Cadamaigh. Cha chreid mi fhein nach e da oran a th’ ann air am measgadh. Co dhiubh tha mi ga ’thoirt seachad mar a thug Iain ruadh dhomh e:— “An cuala sibhse ’m blàr A thug Màsho anns a’ bhaile so, ’Nuair ghabh e air Catriona, ’S e diollaid bu chlaidheamh dha; Cha tug e dhith a dh’ ùine Gu ùrnaigh no aithreachas, A cheart cho grad ri fùdar Gu ’n smùid e bho chasan i. Ghabh e guineach air a mullach Mar fhear dubh a garaidh ann, Gun dùil tuilleadh ri tigh’nn uice Leig e ’fuil gu talamh ann, ’S gu ’n robh buill’ air muin na buille, Gun fhios c’uin a stadadh e; Gur ise fhuair a léireadh, ’Nuair dh’ éirich a chabar air. Sid am mach Catriona Gu direadh nam beallaichean, Cha ’n fhanadh i ri ’dinneir, Ach sior thoirt a casan leath’; Cha bhean Lot a bh’ innte, No ni bu mhac-samhail di: Cha sealladh i na ’déigh Ged a thréigeadh an t-anam i. A ceann ’s a muineal air a bhruthadh, Gu ’n robh ’n fhuil air stad innte, Gu ’n robh cnapan air a drinnein, Bha iad dubh is geal oirre, ’S i na ’siubhal leis a bhruthach, Gu ’n robh sruthan fallus dhi, ’S gur mor an aobhar ghàire Gach gàtag a ghearradh i. As a so an dràsda Mur fhàs thu na ’s ceanalta; Mur sguir thu dhe do dhamnadh ’S dhe d’ chàineadh air Alasdair, Gu ’n teid na ropan cainbe Gu teann a chur mu d’ amhaich-sa, ’S do chrochadh mar an samplair Aig ceann àtha Cadamaigh; A’ cladhach sloc an aodann cnoic Gu ’n teid do chorp a sparadh ann, Fiù a choffin cha teid ortsa Ach seana phoca canabhais; Gu ’n teid do liùbhradh dha ’n fhear dhubh, ’S cha bhi thu tuilleadh againe; Gur tusa gheibh do léireadh, ’Nuair dh’ eireas a chabar air. Cha chadal dhomh, cha dùsgadh, Cha tionndadh ’s cha charachadh; Sid piob a’s fhearr ’san dùthaich, A’ phiob a bh’ aig Mac Olibhair, Sid piob a’s fhearr ’san dùthaich ’Bheil cùnntas is aithne dhomh, ’S na ’m b’ aithne dhomh ga ’seanachas Gu dearbh gu ’m bu mhath leam e. ’S a bhodaich bhig na ’m biodh tu glic Cha b’ ann mar sid a dh’ fhanadh tu, Chionn pàirt dhe m’ chuid cha tugainn dhut Ged bhiodh tu cur na h-analach; Ged theireadh cuid gu ’m biodh a bhuil, Gu ’n rachadh rud ’san drama dheth, ’S an corr ’san sporan iallach, ’S na fiaclan ga ’theannachadh. A bhréineag, a bhréineag, A bhréineag nam boirionnach, A bhréineag, a bhréineag, A bhréineag nam boirionnach, A bhréineag, a bhréineag, A bhréineag nam boirionnach, Gu ’n seinninn Cabar-féidh dhut, A bhréineag nam boirionnach. A chailleach dhona, dhona, dhona, ’Chailleach dhona, ghoganta, A chailleach dhona, dhona, dhona, ’Chailleach dhona, ghoganta, A chailleach dhona, dhona, dhona, ’Chailleach dhona, ghoganta, ’S a chailleach a bh’ aig Ruairidh Bu chruaidh mu ’n a sporan i.” Ma bhios mi air mo chaomhnadh cluinnidh tu fhathast uam roimh Bhealltuinn. Is mi do bhana-charaid, PEIGIDH PHABACH. Lag an t-Slòcain. Iadsan a Phaigh. Ailean Domhnullach, Salmon River Ailean Mac Leoid, Whitney Pier Iain Moireasdan, South Gut Niall A. Mac Gill-fhaollain, Broad Cove Domhnull Mac-a-Phearsain, Ceap Nor N. A. Domhnullach, Ceap Nor Rob Moireasdan, am Beighe ’n Iar A. V. Mac-Gillebhràth, Bridgeport Floiri Dhomhnullach, Bridgeport Domhnull R. Domhnullach, Barrachois Seonaid Ros, Baddeck Mhor An t-Urr. R. L. Domhnullach, St. Peter’s Domhnull Mac Neacail, Catalone Domhnull A. Mac Coinnich, Caledonia Sim R. Mac Gillinnein, Inbhirnis Ceit Mhoireasdan, North Gut R. H. Mac Coinnich, Loch Bhlackett Coinneach Mac Ratn, Loch Bhlackett Domhnull MacNeill, Abhainn a deas, N.S. Beitidh Nic Neachtain, Abhainn a deas, N.S. D. C. Friseal, New Glasgow, Iain Sutharlan, Rockland, N. B. S. M. Martuinn, Heatherdale, E. P. I. Iain A. Caimbeul, Heatherdale, E. P. I. Bean T. Mhic Risdnidh, Scotsburn, Que. Domhnull I. Domhnullach, Milan, Que. D. Mac Aonghais, McIntyre P. O., Ont. Murchadh Mac Gillinnein, Lochalsh, Ont. Mairi Stevenson, Shipka, Ont. Padraig Cràbhart, Mitchell’s Bay, Ont. Bean A. Mhic-a-Phearsain, Grenfell, Assa. Ailean Dùghlach, Bhàllaidh, Assa. Iain Mac Cormaic, Earlswood, Assa. S. N. Mac Fhionghain, Moosomin, Assa. Domhnull Mac Leoid, Belmont, Man. Cailean Mac Risdnidh, Holeb, Maine M. D. Mac Neacail, Graniteville, Vt. Iain Domhnullach, Topeka, Kansas. Iain A. Camaran, Bottineau, N. Dak. Alasdair Mac Rath, Winton, N. Zealand [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 128] [Vol. 11. No. 16. p. 8] Ceol. LEIS AN URR. DONNACHADH MAC GILLEAIN. ’S binn caoirean nan caochan An aonach nam beann, ’Nuair tha ’n latha a’ sgaoileadh Air aodann nan gleann; ’S binn osna na gaoithe, ’S gur aobhach a toirm Air ciùineach’ do ’n doininn, ’S air cadal do ’n stoirm. ’S binn co-sheirm na coille, Nan doire, ’s nan stùc, ’S ro bhlasda an ceol e ’San og mhadainn dhrùchd; O! ’s taitneach r’a chluinntinn Geum laoigh tigh’nn o’n chro, ’S binn gàirich na tuinne, Is bàirich nam bo. ’S binn naidheachd air caraid ’Chaidh fada air chuairt, ’S cha seirbhe guth leannain Dh’ fhàs banail is suairc’; ’S ro bhlasda guth màthar Làn blàiths agus gaoil— Mar cheol iad nach àluinn, Nach càirdeil, nach caoin? Ach tha ceol ann is uaisle ’Na bhuadhaibh gu mor, ’S tha fuaim ann is binne, ’S is grinn’ air gach doigh; Tha poncan is mils’ ann, Nach diobair gu sior, Gach ceol ’rinn thu solasach ’N oir no an iar. Nach milis mar cheol e, Nach boidheach, nach binn, Guth chlag madainn Dhomhnaich, Nach sonraichte grinn? Na fuinn ud ro àlainn ’Tha fàilteach’ an lò A bheannaich an t-Ard-Righ Gu slainte nan slògh. Nach binn a’ chruit-chiùil ud, Nach rùnach gach ial, An cridhe trom, brùite Ag ùrnaigh ri Dia? Nach taitneach mar cheol e, Nach boidheach, ’s nach caoin, Guth ’mholaidh, a sholais, A dhochais, a ghaoil? Chuir Mi Cul ri Iollaraidh. Rinneadh an t-oran so le Domhull Domhnullach, (Domhull mac Thormaid ruaidh) a bha ’n Catalòn, do dh’ Aonghas Friseal, a thàinig a nall air chuairt a Uidhist mu thuath ’s a thill air ais a rithist. Sgriobh Aonghas gu ’n do rainig e sàbhailt thall agus fhreagair Domhull e mar a leanas. Bha rann mu seach am Beurla ’s an Gàilig ’san oran. Bha e na b’ fhaide na so ’nuair a rinn Domhull e. ’S math leam thu bhi sàbhailt thall, Sgriobh gu grad ugam a nall, Innis dhomh am beagan rann Ciamar tha ’n t-àm an Iollaraidh. Eirich agus tiugainn ó, Eirich agus tiugainn ó, Eirich agus tiugainn ó, Chuir mi mo chùl ri Iollaraidh. Thoir mo bheannachd dhaibh gu léir, A dh’ fhaodas feorach na mo dhéigh; Na ’m biodh cùisean math da réir, Gu ’m bithinn fhéin an Iollaraidh. Na ’m biodh cùisean math air doigh, Chithinn an tir ’san robh mi og: ’S mi nach fhanadh ann ga m’ dheoin As eugmhais coir an Iollaraidh. Mile, mile soraidh bhuam Gu mo chàirdean deas is tuath, ’S gu mo nàbaidhean mu ’n cuairt, Tha sios gu bruachaibh Iollaraidh! Gu bheil m’ inntinn-sa cho luath, A siubhal thairis air a’ chuan, Theid i ’dh’ Uidhist ’chinn a tuath, Cha stad gu ’m bual i Iollaraidh. Na ’m bithinn dlùth air Sir Iain Ord, ’S mi gu ’n aslaichinn da m’ dheoin, Mi bhi ’n Uidhist a tigh’nn beo Air cuibhrionn choir an Iollaraidh. Latha na Sabaid. LEIS AN URR. DONNACHADH MAC GILLEAIN. An là so nach tosdach ’s nach ciùin! Is anail cia cùbhraidh, neo-shearbh! Tha sàmhchair is fois air a ghnùis, ’S e ’n saoghal dh’ fhàs diùid agus balbh; Cha ’n fhaicear, ged sheall air gach laimh, Aon duine no ainmhidh ri stàth— Tha gach creutair ’n an ionadaibh tàimh, Gu taingeil ’cur seachad an là. Tha gach ionad bha luaineach is làn, Gun iomradh air stàth no air sùrd: Mur cluinnear guth ùrnaigh no dàin A’ direadh gu Ard-Righ nan dùl; Tha ’n saoghal air aomadh ’na shuain: Cha ’n fhaicear ann gluasad no saoth’r, ’S cha chluinnear ann tartar no fuaim, Ach guthanna uasal is caoin. Tha ’n uiseag a’ gleus’ a cruit-chiùil, ’S am brùdhearg gu sunndach ri ceol, An smeorach ’n an comunn le sunnd, ’S an lon-dubh le sùrd mar bu nòs. Ciod thuige an t-sàmhchair ’san fhois, Tha coitcheanta bhos agus thall? Nach ioghnadh aon bheul bhi ’na thosd? ’S gu moladh aon teanga bhi mall! Nach aontaich gach teanga is beul Gu moladh le chéil’ anns gach àit’; ’S nach aithris le h-aoibhneas an sgeul Tha ceangailt’ gach ré ris an là: Nach can iad le h-aoibhneas is ceol, Dhuts’ buinidh an lò so, a Thriath, ’S mar chuimhne air d’ obair ro mhor, Dhuts’ coimh’dear e’n comhnuidh gu sior. Nach binn e, an ceol a tha ’m chluais! Nach fonnar, ro uasal is caoin! A’ direadh gu flaitheanas suas Ard mholadh an Uain is a ghaoil; ’S an ioghnadh ged lionte gach beul Le ’mholadh gach ré agus lò? Ged sgaoileadh le aoibhneas an céin— Ged chliùthaich le chéil’ e gach slògh? ’San teampull ’san comhlaich a shluagh A mholadh cha ’n fhuar is cha chlìth, Tha Spiorad ’g an comhnadh gu luadh, A’ gleusadh ’s a’ gluasad an crìdh’; Oir chunnaic iad aiteal d’ a ghloir, ’S cha d’ cheileadh a bhoichead o ’n sùil; Is dh’ aontaich le h-aoibhneas is deoin An gaol a thoirt dha is an rùn. A chliùsan na faram nan teud Is binne gach ré agus ial; ’S a ghràdhsan is milse gach ré Na mhil thig o ’n chéir tha do ’n bhial; Ach thosd e! is dh’ imìch na slòigh Gu boidheach gu ’n comhnuidhean fhéin, Gu foistinneach, farasda, fòil, Le h-inntinnibh stolda da réir. Tha ’m feasgar air ciaradh mu ’n cuairt, ’S gach creutair air gluasad gu tàmh, ’S air aghaidh a chruinne ’san uair Laidh tosdachd, laidh suain agus pràmh, Mur cluinnear measg dhuilleach nan crann Caomh osnaidhean fann aig a’ ghaoith, ’S mur cluinnear sèimh chaochain nan gleann, No binn cheol naomh dhàin agus laoidh. Cha chluinnear air anail nan speur Aon fhuaim a tha eutrom no trom; Laidh suain air an t-saoghal gu léir, Air fireach, air réidhlein, ’s air tom. An oidhche a dù-bhrat do sgaoil Air aghaidh an t-saoghail ’s gach àit’; ’S tha cadal air clanna nan daoin’ A’ braonadh gu caoin is gu tlàth. IADSAN A PHAIDH.—B’ fheudar dhuinn dòrlach math dhe na h-ainmean so fhàgail thairis gus an ath àireamh le cion àite ’san cuireamaid iad. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’N AR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 129] [Vol. 11. No. 17. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 20, 1903. No. 17. A’ Ghaidhlig. THA mi gle thoilichte gu bheil MAC-TALLA fathast beò agus lùghmhor, agus gu bheil e dealasach mar bu nòs as leth na Gàidhlig agus na h-àbhaistean a bhuineadh do na Gàidheil anns na linntean a bha ’sa dh’ aom. Is ann le tlachd nach ’eil faoin a tha mi tòiseachadh air còmhnadh a dheanamh le MAC-TALLA air a bhi ’sgriobhadh nithean air a shon a bhitheas, tha mi ’n dòchas, tlachdmhor d’a luchd-leughaidh. Rinn na Gàidheil iomadh saothair chruaidh ann am fosgladh ’s ann an glanadh suas na dùthcha so bho chuan an àirde ’n ear gu cuan an àirde ’n iar. Bithidh e daonnan taitneach a bhi ’gabhail beachd air gach euchd ’us dichioll ’us treubhantas a nochd na Gàidheil a thàinig do ’n dùthaich so bho cheann tri no ceithir de ghinealaich. Cha ’n ’eil aithne agamsa air paipeir air bith a tha air a sgriobhadh gu léir ann an Gàidhlig agus a tha iarrtuiseach air cànain ’us àbhaistean nan Gàidheal a chumail suas gu suilbhir, dìleas, neo-sgathach. Is iomadh bliadhna chaidh seachad o’n thòisich daoine air a bhi ’g ràdh gu robh a’ Ghàidhlig air leabaidh a bàs agus gu ’m bitheadh i ann an ùine ghearr am measg nan cànainean a tha ’nis tosdach ann an suain a’ bhàis. Bithidh gach Gàidheal dìleas, ceart, taingeil gu bheil cànain a mhàthair fathast beò, ’s treun ’us bòidheach ann an tìr nam beann agus ann an Canada ’s ann an roinnean eile de rioghachd farsuing agus beartach Bhreatuinn. Gun teagamh tha MAC-TALLA ’toirt iomraidh air na leabhraichean ùra ’tha ’g a nochdadh féin bho àm gu h-àm anns a’ Ghàidhlig. Tha bàird agus bana-bhàird againn a nis a tha gleusda ’s fonnmhor agus a tha comasach air Gàidhlig a sgriobhadh ann an rannan blasda, ciatach, taitneach. Ach cha ’n ’eil ’s cha robh riamh Gàidhlig co làidir ann an rosg, no ann am prose, mar their na Sasunnaich. Is e Tormoid Mac Leoid a sgriobh a’ Ghàidhlig a’s fearr, a’s bòidhche ’s a’s snasmhoire ’tha againn. Cha’n ’eil Gàidheal a làthair an diugh a tha airidh air a bhi air a chur ann an coimeas ri Tormoid Mac Leoid, fior charaid nan Gàidheal. Bha buaidhean inntinn agus cridhe aige ’bha da rireadh eireachdail agus flathail. Is e ministeir comasach, dùrachdach, blàth-chainnteach, blàth-chridheach a bha ann. Rugadh e anns a’ Mhoirearann, agus bha e bho thùs a làithean gu feasgar a bheatha fior-mheasail air a’ Ghàidhlig, agus fior-dhìleas do na Gaidheil. An uair a bha gort eagalach anns na h-Eileanan Gàidhealach, rinn e dichioll anabarrach air airgiod a thrusadh anns a’ Ghalltachd agus ann an Sasunn airson còmhnadh a dheanamh leis na Gàidheil bhochd a bha ocrach gu leoir o’n thàinig call fuasach air a’ bhuntàta. Chuir e mar an ceudna iomadh oidheirp an gniomh airson tighean-sgoil a thogail agus sgoilean a phlanntachadh anns a’ Ghàidhealtachd. Is e duine sgiamhach, beusach, pongail a bha ann. Bha meas mor aig a’ Bhan-righ Bhictoria air agus aig a luchd-comhairle air sgath nam buaidhean àluinn a bhuineadh dha. Am feadh a bha e ’n a mhinisteir ann an Ceann Loch Chille Ciarain, bha caraid nach robh fuasach snuadhach a’ searmonachadh air a shon. Ghlaodh boirionnach anns a’ chomhthional a mach: “Thig a nuas as a sin agus leig do ’n mhinisteir bhòidheach againn féin dol suas.” Bha ’n t-Ollamh Urramach Mac Leoid min-eòlach air beachdan ’us àbhaistean ’us faireachduinnean nan Gàidheal, agus air an aobhar sin, chuir e sios anns gach comh-labhairt a sgriobh e, no chuir e ann an òrdugh, smuaintean maith agus cunntas firinneach mu dheibhinn nan Gàidheal. Chi Gàidheal air bith a leughas na leabhraichean a tha ’nochdadh beachdan Mhic Leoid, gur e Gàidheal foghainteach a bha ann, gu robh cridhe farsuing, caoimhneil, càirdeil aige, ’s gu ’m bi iomradh taingeil air a dheanamh air anns na linntean a tha ri teachd. Anns an roimh-radh a sgriobh e do Leabhar nan Cnoc, tha e ’g radh mu dheibhinn na Gàidhlig: “Na creidibh iadsan a tha ’g ràdh gu bheil a’ Ghàidhlig air leabaidh a bàis. Tha i co slàn, làidir, ùrail, agus a cuisle co fallain ’s a bha i riamh; agus ged thachradh gum biodh i air a fògradh á h-Albainn am màireach, tha farsuingeachd agus fasgadh a’ feitheamh oirre taobh thall do ’n chuan mhor, far am bheil cheana na mìltean d’a muirichinn féin a dh’ fhàilticheadh agus a dh’ altrumaicheadh i le sòlas.” Leabhar nan Cnoc: comh-chruinneachadh de nithibh sean agus nuadh, airson oilean agus leas nan Gàidheal, le Tormoid Mac Leoid, D.D. Is iad sud na briathran a sgriobh Mac Leoid anns a chlàr-innsidh mu dheibhinn Leabhar nan Cnoc—leabhar anns am bheil moran eòlais r’a fhaotainn ann an Gàidhlig thlachdmhor, ghasda. Cha ’n e Tormoid a sgriobh gach ni ’tha ann an Leabhar nan Cnoc. Fhuair e cuideachadh bho sgoilearan eudmhor Gàidhealach eile, ’us bha Leabhar nan Cnoc feumail, maiseach, measail ’na latha féin. Anns an ath litir ni mi iomradh mu na leabhraichean eile ’sgriobh Tormoid. CONA. ANNS na Roinnean Iochdrach bha triùir air an dìteadh gu bàs deireadh na bliadhna dh’ fhalbh. Dhe ’n triùir sin fhuair dithis am beatha leigeil leotha—chaidh am binn atharrachadh gu tigh-obrach ri ’m beò. Tha ’n treas fear ri bhi air a chrochadh. Buinidh an dithis a fhuair mathanas do Chanada, ’s bha càirdean is luchd-eòlais aca a chuir an ainmean ri tagradh as an leth. Buinidh an treas fear do Armenia: cha ’n eil càirdean aige ’san dùthaich so, agus uime sin tha e ri bhi air a chur gu bàs. Am bheil so na ’ghnothuch creideasach do dhùthaich Chriosdail mar tha Canada? a’ deanamh aon lagh do ar sluagh féin agus lagh eile do na coigrich a tha ’n taobh stigh de ’r criochan. Tha cuid dhe ’n bharail nach bu chòir duine chrochadh air-son cionta sam bith; ach ’s cinnteach an ni nach eil e chum math sluaigh no dùthcha bhi ’deanamh dìmeas air an lagh cho tric ’s a thatar a’ deanamh, agus a’ sgoltadh a cheartais air dhòigh nach eil idir ceart. AIR an latha bha muinntir Ontario a’ bhòtadh air an lagh a rinneadh air-son bacadh a chur air deanamh is creic dibhe làidir ’san Roinn sin, bha 199,749 bhòt air an toirt seachad air taobh an lagha ’s 103,548 na ’aghaidh. Bha mar sin air taobh an lagha 96,201 bhòt a bharrachd air na bha na ’aghaidh. Cha robh dùil sam bith aig an Riaghladh gu ’m biodh feachdan na stuaime cho làidir; ach o nach robh iad cho fior làidir ’s a chuireadh mu ’n coinneamh, gabhar an cothrom gus an iarrtas a chumail uapa. THA ann am Montreal Comunn Sheana Mhaighdeannan. Bha coinneamh aca o chionn ghoirid aig an robh àireamh mhor dhiù cruinn, air an sgeadachadh ann an culaidhean a bha fasanta leth-cheud no tri fichead bliadhna air ais. Bha àireamh thaghta de dhaoine an làthair, agus neor-thaing nach robh a’ choinneamh àbhachdach. Tha Montreal a’ toirt buaidh air bailtean eile Chanada ann an iomadh dòigh, ach saoilidh sinn gu bheil e airidh air urram sònraichte a chionn gu bheil a’ còmhnuidh ann àireamh cho mor de chaileagan a dh’ aidicheas gu follaiseach gur seana mhaighdeannan iad. AN uair a thòisich an cogadh eadar an Spàin ’s na Staidean bha cuideachd thogail-shoithichean an Alba fo chòrdadh ris an Spàin air-son ceithir soithichean beaga cogaidh. Bha iad ri bhi ullamh aig àm sònraichte, ach bha a’ chuideachd anabarrach slaodach mu ’n obair, ’s cha d’ fhuair an Spàin a soithichean-cogaidh gu ceann còrr is da bhliadhna ’n deigh an ama bu chòir dhi am faighinn. Chuir riaghladh na Spàine a’ chuideachd Albannach ’san lagh air-son na dàil, ag agairt na ’n robh na soithichean air bhi aca ’n deagh àm nach robh an cogadh air bhith idir ann, gu ’n rachadh aca air na Ciubaich a cheannsachadh mu ’n do chuir na Staidean meur ’sa ghnothuch idir. B’ ann an Dunéideann a chaidh an càs fheuchainn. Thug na britheamhna a’ chùis an aghaidh na cuideachd, agus chuir iad mar ùnlagh orra tri cheud ’s seachd deug air fhichead mìle dolair ($337,000) a phàidheadh do ’n Spàin. THA an geamhradh so a cur ni ’s doirbhe ris an dùthaich na rinn geamhradh o chionn fhada. Tha daoine ris nach faodar òganaich a ràdh tuilleadh ag ràdh nach eil cuimhn’ aca air a leithid a bhi ’san dùthaich so riamh. Gun teagamh sam bith tha e gle ao-coltach ris na geamhraidhean a bh’ againn ré nam bliadhnachan mu dheireadh. Tha tomhas mor sneachd air an làr, ’s tha stoirm is reothadh ann gu tric. Ann an Newfoundland chuir an sneachda stad air na treineachan [TD 130] [Vol. 11. No. 17. p. 2] aon uair fad shia latha ’s bha triùir air an reothadh gu bàs. Tha cruachan mora deighe anns a chuan. Tha an Stanley, an soitheach-smùide tha ruith eadar Eilean a’ Phrionnsa ’s tir-mor, an sàs ’san deigh o chionn dha no tri sheachduinean, ’s da dhuin’ air fhichead air bòrd aice. Air uairean tha e gle dhoirbh do ’n t-soitheach-aiseig air caol Chanso a h-obair a dheanamh leis an deigh, agus tha na treineachan gu tric air an cumail anmoch. THA Iompaire na Gearmailte a’ deanamh saothair mhor air-son cabhlach-chogaidh a dhùthcha a dheanamh cho làidir ri càbhlach-chogaidh Bhreatuinn. Bu chòir do chuideigin comhairle thoirt air an duin’ ud, gun fhios nach bithear g’a choltachadh ris an losgainn a theab sgàineadh a’ feuchainn ri i-fhein a dheanamh uiread ris an tarbh. THA a’ phàrlamaid Bhreatunnach a nise cruinn. Chaidh a fosgladh Di-màirt s’a chaidh leis an Rìgh gu pearsanta. Anns an òraid o’n chathair bha iomradh air a thoirt air an ionnsaidh a tha Breatunn ’s na Staidean a’ toirt air criochan Alasca a shuidheachadh, air cùisean anns an Tuirc, ann an Africa mu dheas, agus anns na h-Innsean. Bheirear oidheirp aig an t-suidhe so dhe ’n phàrlamaid air cùisean-fearainn na h-Eirinn a cheartachadh air dhòigh ’s gu ’m bi cothrom aig an tuath bhig air an cuid fearainn a cheannach saor á grunnd. THA na seòlaidhean air gach àireamh dhe ’n MHAC-TALLA a thatar a’ cur a mach a nis air an clo-bhualadh, agus mu choinneamh ’ainme chi gach aon de ’n luchd-gabhail am mios ’s a bhliadhna dh’ ionnsuidh am bheil e pàidhte. Cha ruig neach sam bith a leas a bhi ’n an-fhios air c’uin is còir dha a dhlighe do ’n MHAC-TALLA phàidheadh. Ma chi e “Jan ’03” mu choinneamh ’ainme, cuireadh e dolair air adhart air-son atharrachadh gu “Jan ’04.” Tha àireamh bheag nach eil pàidhte eadhon gu “Jan ’03,” agus bheireamaid rabhadh dhaibh sin gu bheil ar foighidin a’ fàs goirid. Tha dòchas againn ’04 fhaicinn an ùine ghoirid air a chur ri ainm gach aon de ar luchd-gabhail. THA na pàrlamaidean beaga a’ cruinneachadh. Dh’ fhosgladh pàrlamaid Nobha Scotia an dé. Dh’ fhosgladh pàrlamaid Mhanitoba seachduin roimhe sin, agus cha ’n fhada ’n ùine gus am bi pàrlamaidean nan Roinnean uile na ’n suidhe. Ann an New Brunswick, tha a’ phàrlamaid air a cur m’a sgaoil, agus taghadh ri bhi ann mu ’n suidh i air an earrach so. Ann an Ontario, cha bhi sunnd mor sam bith air an riaghladh ri fosgladh na pàrlamaid, oir cha mhor nach eil iadsan a tha na ’n aghaidh cho lionmhor riuthasan a tha air an taobh. BIDH luchd-gabhail MHIC-TALLA toilichte fhaicinn gu bheil “Cona” a’ tòiseachadh ri sgriobhadh g’ ar n-ionnsaidh a rithist. Tha fhios againn gu ’n taitinn a sgriobhaidhean ri moran. Faodaidh ar leughadairean cuideachd a bhi ’g amharc air-son sgeul ùr bho Sheumas N. Mac-Fhionghain, sgeul d’ an ainm, “Eóbhan bàn mac an t-saighdeir.” Sgriobh Seumas còir da sgeul fhada do ’n MHAC-TALLA roimhe, a chòrd gu grinn ris an luchd-gabhail, agus mur eil sinn meallta, còrdaidh an sgeul so a cheart cho math riutha, no na ’s fhearr. A thuilleadh air so tha dùil againn ri còmhnadh sgriobhaidh bho àireamh dhe na seann eòlaich eile, agus cha b’ iongantach leinn ged bhiodh MAC-TALLA air a bhliadhna so na ’s fhearr na bha e riamh roimhe. DH’ AOBHARAICH gainne a’ ghuail iomadh bàs am bailtean-mora nan Staidean air a gheamhradh so. Bu chlann òg is muinntir a bha thar tri fichead bliadhna dh’ aois a bu mhò a dh’ fhuiling. THA ’n trioblaid bheag a bh’ ann an Bhenesuela seachad. Tha soithichean-cogaidh Bhreatuinn ’s na Gearmailt air an gairm air falbh, agus tha ’chùis ri bhi air a ceartachadh gu sìtheil aig cùirt réiteachaidh na h-Olaint. THA ’n t-àm aca sgur de thiodhlacadh Christopher Columbus. Chaidh am maraich’ ainmeil so, a fhuair a mach America, a thiodhlacadh an toiseach ann an San Domingo. An deigh sin chaidh a thogail ’s a ghiùlain do Habhana, far a deach a thiodhlacadh a rithist. An deigh do Chuba bhi air a chall do ’n Spàin, chaidh a chorp a thoirt thar a chuain, ’s bha e ’n la roimhe air a thiodhlacadh an treas uair le mor urram ann an àrd-eaglais Seville ’san Spàin. Cha do nochdadh coibhneas cho mor ri Columbus fhad ’s a bha e beò ’s a dheanadh e feum dha, ’s a thatar a nis a nochdadh ri chorp o’n fhuair e bàs. Ach cha ’n eil an sin ach an dòigh a bh’ aig daoine riamh—comhaisean an duine fein a’ deanamh dìmeas air, agus an sliochd na ’n déigh a’ cur mor urram air ’s a togail chàrn mar chuimhneachan air. ’S ann mar sin a dh’ éirich do Cholumbus. Clarsach an Doire. THA an leabhar-òrain gasda so air a chur an clò an treas uair, ni a tha ’nochdadh cho fior mheasail ’s a tha saothair an ùghdair, Niall Mac-Leòid, ann an sùilean na Gàidheal. O chionn dha no tri bhliadhnachan cha robh an leabhar so ri cheannach idir, ach a nise gheibhear e aon uair eile. A bharrachd air na h-òrain ’s na sgeulachdan air ’n do chuir sinn eòlas roimhe, tha àireamh de dh’ òrain ùra anns a’ “Chlàrsaich” a nis—òrain air am bheil blas cho milis agus anns am bheil smuaintean cho bòidheach ’s cho fallain ’s a th’ ann an aon de na seann òrain. Cha ruigear a leas moladh sam bith a dheanamh air òrain Nèill Mhic-Leòid. Molaidh iad iad-féin ge b’ e àite ’n cluinnear iad, agus cha mhor chearnan dhe’n domhan anns am bheil Gàidheil a’ còmhnaidh anns nach cualas iad. Guidheamaid buaidh leis a’ “Chlàrsaich,” agus saoghal fada, sona do ’n bhàrd. Le cead sònraichte o’n ùghdar, tha e na ’r comas-ne àireamh dhe na leabhraichean so a thoirt seachad mar dhuaisean dhaibhsan a ni cuideachadh le MAC-TALLA ann am faotainn luchd-gabhail ùra. Tha moran, moran de Ghàidheil air feadh na dùthcha nach eil a’ gabhail a’ phaipeir a ghabhadh e gu toileach na ’n rachadh cuid-eigin a chur an dleasnais fa ’n comhair. Air-son iad sin a ruigheachd, tha sinn a toirt na tairgse so: Cuirear “Clàrsach an Doire,” saor leis a phost, gu neach sam bith a chuireas ugainn tri dolair agus ainmean tri luchd-gabhail ùra. Cha bhi ’n tairgse so fosgailte ach fhad ’s a mhaireas na th’ againn dhe na leabhraichean, agus mar sin feumaidh gach neach a tha toileach aon diu a chosnadh cur m’a dheidhinn gun dàil. Naidheachdan. Bha stoirm mhor an bagh air Loch Mhichigan air a choigeamh latha dhe’n mhios so, agus chailleadh beatha da fhichead iasgair a bha ’n deigh campaichean a thogail air an deigh. Tha na Turcaich ris an t-seann àbhaist ann am Macedonia, daoine ’s mnathan air an geur-leanmhuinn ’s air an cur gu bàs, ’s gun iad ciontach de ni ach nach buin iad do chreideamh Mhahomet, ’s nach eil iad comasach air na cìsean a tha na Turcaich a leagail orra a phàidheadh. THA tri mèinnean guail ann an Crow’s Nest, B. C., na ’n tàmh, ochd mìle mèinneadair a’ diùltadh obrachadh. Tha iad ag iarraidh tuilleadh tuarasdail, agus ceartas na ’s fhearr na tha ’chuideachd aig an àm so a’ toirt dhaibh. B’ ann an aon de na mèinnean so a bhà an sgiorradh ’san t-samhradh s’a chaidh, leis an deachaidh àireamh cho mor de dhaoine mharbhadh. Chaidh fear Uisdean Mac-an-Leigh a mharbhadh air an rathad iaruinn faisg air Port Hood Di-haoine s’a chaidh. Bha e ’dol dh’ ionnsuidh na mèinne, agus chaidh e choiseachd air an rathad-iaruinn. Bha cur is cathadh sneachd ann aig an am, agus thainig an trein air gun fhios da. Fhuaireadh a chorp beagan uairean an deigh do’n sgiorradh tachairt dha. Bha e pòsda agus dh’ fhàg e teaghlach de chloinn bhig. BHRIST teine mach aig na Coke Ovens Di-ciaduin s’a chaidh, anns an àite ’sam biodhte nighe ’ghuail an àm a bhi ga ’ullachadh air-son coke a dheanamh dheth. Cha ghabhadh an teine cur as, agus ged chaidh a chumail o sgaoileadh, rinn e call mor, call a thatar a meas aig tri cheud mile dolair. Bha na togalaichean ’s na h-innealan a chaidh a losgadh air an urrasachadh air-son mu ’n treas uiread ’s a b’ fhiach iad. Bha stoirm na seachduin so a dh’ fhalbh na bu truime gu mor air taobh an iar an eilein na bha i air an taobh so. Thòisich cur is cathadh Di-haoine, ’s cha do lasaich an stoirm gu meadhon na seachduin so. Bha ’n tréin a tha ruith eadar Hastings is Broad Cove an sàs an cuitheachan sneachda a’ chuid bu mhò dhe’n ùine sin. Bhatar ag innse ànn an Sidni nach robh sgeul oirre idir, ach cha robh an sin ach tuairisgeul a rinn cuid-eigin a bha ruith gann de naidheachdan. SGIORRAIDHEAN—Chaidh dithis ghillean òga a ghoirteachadh gu dona anns a Mhèinn a Tuath seachduin gus an Di-luain s’a chaidh—Alasdair Mac Fhionghain agus Ioseph Robson.—Bha duin’ òg d’ am b’ ainm Iomhar Mac Aonghais air a mharbhadh aig Mèinn Chaledonia air a cheart latha le trein guail a ruith thairis air.—Seachduin gus an dé thuit Suaineach a bha ’g obair aig an obair iaruinn bhar mullach croinn leth-cheud troidh a dh’ àirde ’s bha e air a leon cho dona ’s nach eil mor dhùil ri e dhol am feobhas. Bha abrach òg aon uair roimhe so a thog air do Ghlascho, agus air dha bhi fàgail taigh ’athar, thuirt e, ‘Athair, thoir dhomh do bheannachd ma’m falbh mi; ‘sin mo bheannachd-sa dhut a mhic’, ars’ athair, ’se a’ toirt coig puinnd Shas’nach da. ‘Ach nach can thu focail sam bith a chùm misneach a thoirt dhomh air m’ allaban an dùthaich chein?’ ‘Mata,’ ars’ athair, cha ’n abair mise riut ach, ‘Ma bheir fear sam bith an car asad aon uair, mo naire air-san; ma bheir e ’n car asad an dara uair, mo naire ortsa!” Tha Seanchaidh a’ roinn a’ chinne-dhaonna ’nan trì buidhnean,—a’ mhuinntir a tha smuainteachadh gu ’m bheil a’ chùis mar so, a’ mhuinntir a tha smuainteachadh nach ’eil a’ chùis mar so, agus an fheadhainn a tha coma co-dhiu a tha a’ chùis mar so no nach ’eil. Cha bu chòir leanabh a bhi aig a’ mhnaoi nach aithne chumail; agus tha so cho fìor mu ’n teanga agus a tha e mu leanabh. Cha ’n ioghnadh an t-earrach a bhi fuar, is nach dual da bhith blàth. Cha ’n nàr do dhuine bhith lag, ach is nàr do dhuine bhith bog. Cha teist air duine teist aon duine ’s cha teist air teist an duine. [TD 131] [Vol. 11. No. 17. p. 3] SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. XVI. GUN fheitheamh gus an gearaineadh Aladin gu ’n d’ thainig e gun fhios a thoirt dha gu ’n robh e ’tighinn, a chum gu ’n tugadh e dha an urram air an robh e dligheach, thuirt an righ ri Aladin: “A mhic, thainig mi-fhin feuch am faigh mi ’mach c’ar son a dh’ fhag thu an talla mor maiseach so gun chriochnachadh.” Cha d’ innis Aladin dha idir gur ann gus a dhearbhadh nach robh de sheudan aige ris an t-saoghal na chuireadh crioch air an uinneig a dh’ fhagadh gun chriochnachadh i; ach thuirt e ris: “Tha e fior gu ’m faca bhur morachd an talla gun chriochnachadh, ach tha mi ’guidhe oirbh gu ’n teid sibh a nis a dh’ fhaicinn am bheil rud sam bith a dh’ easbhuidh air.” Chaidh an righ direach thun na h-uinneig a dh’ fhagadh gun chriochnachadh, agus an uair a chunnaic e gu ’n robh i air a criochnachadh mar a bha na h-uinneagan eile, shaoil leis gu ’n robh e ann am mearachd m’ a deidhinn. An sin ghabh e beachd gu dluth air na h-uinneagan a bha air gach taobh dhi, agus air na ceithir uinneagan fichead gu leir. Agus an uair a thuig e gu soilleir gu ’n robh an uinneag air an robh an luchd-ceirde ag obair cho fada air a criochnachadh ann an uine cho goirid, chuir e a dha laimh mu ’n cuairt air Aladin, agus thug e pog dha eadar an da shuil. “A mhic,” ars’ esan, “nach anabarrach an duine thu an uair a theid agad air nithean iongantach mar so a dheanamh ann an tiotadh! Cha ’n ’eil do leithid anns an t-saoghal. Mar is eolaiche a tha mi ’fas ort is ann is mo a tha de mheas agam ort.” Dh’ eisd Aladin ris a mholadh so gun phrois sam bith, agus fhreagair e mar so: “Mo thighearna, tha e ’na urram gle mhor dhomhsa gu ’n coisninn deadh-ghean agus meas fhaotainn o bhur morachd, agus theid mi am bannadh dhuibh gu ’n dean mi na ’s urrainn mi a chum an tuilleadh dhe bhur deadh-ghean a chosnadh.” Thill an righ dha luchairt fhein mar a thainig e, agus cha leigeadh e le Aladin a dhol air ais maille ris. An uair a rainig e bha ’n t-ard-chomhairleach ’ga fheitheamh. Dh’ innis e dha gu soilleir mu gach iongantas a chunnaic e, agus cha robh teagamh aig an ard-chomhairleach nach robh gach ni mar a dh’ innis an righ dha. Ach bha barail laidir aige nach robh ann an luchairt Aladin ach obair draoidheachd, mar a thuirt e ris an righ a’ cheud latha ’chunnaic e i. Bha e ’dol a radh so ris an righ; ach chuir an righ stad air, agus thuirt e ris; “Dh’ innis thu sin dhomh roimhe. Tha mi ’faicinn nach do leig thu fhathast as do chuimhne gu ’n robh do mhac posda ri mo nighinnsa.” Thuig an t-ard-chomhairleach gu math nach robh feum sam bith dha teannadh ris an righ a thoirt as a bharail, agus cha duirt e an corr ris. A h-uile madainn an uair a dh’ eireadh an righ rachadh e gu uinneag an t-seomair gus sealladh a ghabhail dhe ’n luchairt aig Aladin, agus iomadh uair re an latha bhiodh e ’gabhail beachd air an luchairt agus ’g a moladh ’na inntinn fhein. Fad na h-uine so bha e ’na chleachdadh aig Aladin a bhith ’dol uair no dha ’s an t-seachdain do ’n bhaile. Bhiodh e dol a dh’ urnuigh do chaochladh eaglaisean anns a’ bhaile, agus a’ dol a thaghal air an ard-chomhairleach, agus air tighearnan, agus air daoine urramach eile na cuirte. Ge b’ e uair a rachadh e do ’n bhaile bhiodh dithis sheirbhiseach a’ falbh comhladh ris—fear air gach taobh dhe ’n each—agus bhiodh iad a’ tilgeadh lan an duirn de dh’ airgiod an drasta ’s a rithist air na sraidean mar a bhiodh iad a’ dol air aghart. Mar bu trice, bhiodh moran sluaigh air na sraidean anns an am. A bharrachd air so, cha deachaidh duine riamh gu geata na luchairt a dh’ iarraidh deirce nach d’ fhuair sineadh math. Mar bu trice, bhiodh e ’dol a shealgaireachd uair ’s an t-seachdain; uaireannan faisge air a’ bhaile, agus uaireannan air astar fad’ air falbh. Agus bhiodh e ’n comhnuidh fialaidh ri sluagh a h-uile aite troimh ’m biodh e dol thun na seilge. Bha gradh agus beannachd an t-sluaigh aige ge b’ e taobh a rachadh e. Faodar a radh gu ’n robh barrachd meas aig an t-sluagh air na bha aca air an righ fhein. A bharrachd air so nochd Aladin gu soilleir gu ’n robh e ’na duine aig an robh deadh mhisneach, agus gu ’n robh e toileach math na rioghachd a chur air aghart. Dhearbh e so an uair a dh’ eirich ar-am-mach am measg earrann dhe ’n t-sluagh a bha ann an aite iomallach dhe ’n rioghachd. Cha bu luaithe ’chuir an righ a dhaoine fo ’n armaibh na ghuidh Aladin air gu ’n tugteadh dha ard-cheannardachd an airm. Thug an righ so dha gu toileach. Gun dail sam bith dh’ fhalbh e air cheann an t-sluaigh, agus ann an uine ghoirid thug armachd an righ lan-bhuaidh air an naimhdean. Ged a thug so cliu mor do dh’ Aladin air feadh na rioghachd gu leir, gidheadh bha e cho chaoimhneil agus cho beag prois ’s a bha e riamh. Bha Aladin a’ dol air aghart mar so fad aireamh bhliadhnachan. Ach ged a bha ’n draoidh ann an Africa, agus e ’smaointean gu ’n robh Aladin marbh anns na seomraichean fo thalamh anns an d’ fhag e e, gidheadh smaoinich e uair is uair gu ’m bu choir dha fios cinnteach fhaotainn an robh no nach robh Aladin beo. Thug e mu dheireadh lamh air na h-innealan leis am biodh e ’deanamh fiosachd, agus an uair a bha e greis mhath ag obair leotha, fhuair e mach gu ’n robh Aladin beo agus gle shaoibhir, agus gu ’n robh e posda ri bana-phrionnsa, agus gu ’n robh e ’faotainn meas is urram mhor o gach neach. Cha bu luaithe fhuair e so am mach le ’dhroch innleachdan na las e le feirg, agus thuirt e: ‘Fhuair an balach suarach so, mac an taillear, fios gu ’m bheil buaidh mhor agus dhiomhair anns a’ chruisgean! Ged a bha mise ’g am dheanamh fhin cinnteach gu ’n robh e marbh, tha mi nis a’ faicinn gu soilleir gu ’m bheil e mealtuinn toradh mo shaoithreach agus mo chuid foghlum. Ach cuiridh mise stad air a shonas an uine gun bhith fada, air neo caillidh mi mo bheatha ris.” Cha d’ thug e uine fhada air smaoineachadh air ciod bu choir dha a dheanamh. Air an ath latha dh’ fhalbh e a Africa, agus cha do stad e gus an d’ rainig e Sina. An uair a rainig e ceanna-bhaile na rioghachd, bha e gle sgith an deigh a thuruis, agus chaidh e do thaigh-osda far an do chuir e seachad am feasgar agus an oidhche gus anail a leigeadh an deigh a thuruis. Chuir e roimhe air an ath latha gu ’m faigheadh e mach ciod a bhiodh an sluagh ag radh mu ’dheidhinn Aladin. Agus chaidh e do na h-aiteachan anns am biodh uaislean a’ bhaile ag itheadh ’s ag ol, agus far am bu ghnath leis fhein a bhith gu math tric an uair a bha e anns a’ bhaile roimhe sid. Shuidh e a dh’ ol na dibhe a dh’ iarr e; agus cha robh e fada ’na shuidhe an uair a chual’ e feadhainn dhe na bha ’s an t-seomar a’ bruidhinn air an luchairt a thog Aladin. ’Na dheigh sin thoisich e ri comhradh riutha, agus ri farraid na bu churamaiche mu dheidhinn na luchairt. “Co as a thainig thusa?” arsa fear dhe na bh’ anns an eisdeachd; “feumaidh gur e coigreach a th’ annad, o nach fhaca ’s nach cual’ thu mu dheidhinn na luchairt a thog prionnsa Aladin (oir theirteadh prionnsa ri Aladin riamh o ’n a phos e nighean an righ)—“Cha ’n abair mi,” ars’ an duine ’s e dol air aghart le sheanachas, “gur i an luchairt aon de dh’ ioghnaidhean an t-saoghail, ach their mi nach ’eil ioghnadh eile air an t-saoghal ach an luchairt; oir cha do thogadh a h-aon riamh roimhe cho mor ’s cho maiseach ’s cho luachmhor rithe. Mur cual thusa m’ a deidhinn, feumaidh gu ’n d’ thainig thu air astar gle fhada. Feumaidh gu ’n robh daoine ’bruidhinn m’ a deidhinn air feadh an t-saoghail gu leir. Bi falbh agus faic i, agus bidh fhios agad co dhiubh tha no nach ’eil mise ’g innseadh na firinn dhut.” “Thoir mathanas dhomh a chionn mi bhith cho aineolach,” ars’ an draoidh. “Tha mi air tighinn as a’ chearn a’s iomallaiche de dh’ Africa, far nach cualas iomradh air an luchairt so, agus cha d’ thainig mi do ’n bhaile so gu feasgar an de. Bha ’n gnothach a thug an so mi cho cabhagach ’s nach robh dad a’ tighinn fa near dhomh ach cia mar a thillinn ann an uine ghoirid, agus mar sin cha d’ rinn mi dail ann an aite sam bith, agus cha chuala mi iomradh air an luchairt air mo thurus. Ach theid mi g’ a faicinn gun teagamh; tha leithid de thoil agam a dhol g’ a faicinn ’s gu ’n rachainn ann gun dail ma bhios tusa cho math ’s gu ’n teid thu shealltainn an rathaid dhomh.” Bha ’m fear a bha ’bruidhinn ris an draoidh cho toileach a dhol a shealltainn an rathaid thun na luchairt dha ’s gu ’n d’ eirich e ’na sheasamh anns a’ mhionaid gus falbh comhladh ris. An uair a rainig an draoidh an luchairt agus a ghabh e beachd gu dluth oirre, cha robh teagamh aige nach d’ rinn Aladin feum dhe ’n chruisgean a chum a togail. Thuig e nach robh rathad aig neach sam bith air a togail ach am fathach, seirbhiseach a’ chruisgein. Agus bha e air a dhorannachadh a chionn gu ’n robh a leithid de shonas agus de shaoibhreas aig Aladin. Thill e air ais do ’n taigh-osda. B’ e an ath rud a bha toil aige fhaotainn am mach, c’aite an robh an cruisgean; an robh Aladin ’g a thoirt leis a h-uile taobh a rachadh e, no c’aite an robh e ’g a ghleidheadh. Agus bha e gus so fhaotainn am mach le draoidheachd. Gun dail sam bith thug e lamh air na h-innealan-draoidheachd a bha e ’n comhnuidh a’ giulan leis ge b’ e taobh a rachadh e. Agus an deigh dha ’bhith ’g obair leis greis mhath, dh’ aithnich e gu ’n robh an cruisgean anns an luchairt aig Aladin. Agus bha aoibhneas gle mhor air an uair a fhuair e so am mach. “Gheibh mi greim air a’ chruisgean gun teagamh, agus cha ’n urrainn Aladin a chumail uam. Bidh e gun dail anns an inbh’ iosail anns an robh e an toiseach, ged a tha e ann an inbh’ aird an diugh.” Gu mi-fhortanach, chaidh Aladin tri latha roimhe sid do ’n bheinn sheilg, agus bha e gu bhith air falbh fad ochd latha. Fhuair an draoidh fios gu ’n d’ fhalbh Aladin do ’n bheinn sheilg air an doigh so: Chaidh e bhruidhinn ri fear an taigh-osda, agus an uair a bha iad greis mhath a’ comhradh mu chaochladh nithean, thuirt an draoidh ris gu ’m fac’ e luchairt Aladin; agus an deigh dha moran molaidh a dheanamh oirre, thuirt e: “Tha fior thoil agam am fear a thog i fhaicinn.” “Cha ’n ’eil sin duilich ri dheanamh,” arsa fear an taigh-osda; “is gann a theid latha seachad gun e bith ’s a’ bhaile far am faod duine sam bith ’fhaicinn agus a dhol a bhruidhinn ris. Ach cha ’n ’eil e aig an taigh ’s an am so. Chaidh e do ’n bheinn sheilg o chionn tri latha, agus cha till e dhachaidh gu cionn choig lath’ eile.” (Ri leantuinn.) [TD 132] [Vol. 11. No. 17. p. 4] TURUS DO ’N EADAILTE AN 1874. LEIS AN T-SIORRAM MAC NEACAIL, NACH MAIREANN. SAOILIDH mi nach eil duine beò, a fhuair a bheag no mhòr de ionnsachadh, nach do dh’ fhairich dùrachd làidir amharc le shùilean fhéin air tri gu h-àraid de shean chaithrichean an t-saoghail. ’S e sin ri ’ràdh, Ierusalem, “aoibhneas na talmhainn” a bha, sòlas nan naomh, àite-breith na Criosdachd; an Aithne, sùil na Gréig, màthair eolais agus ealantais na Roinn-Eorpa; agus an Roimh, sean dachaidh na fine bu ghlice ’s bu treasa ’chunnaic an saoghal riamh, gus na dh’ éirich Breatunn! Cha’n ’eil mòran duil agam Beinn Shioin fhaicinn gu bràth, agus ’s dòcha, mur a faic, gu ’m bi sin cho math; oir is tric iad ag ràdh, a chunnaic i, gur cianail an sealladh,—creideamh an fhàidh bhréige, agus aineolas nan Turcach, air an suidheachadh gu h-uaibhreach air a’ chnoc naomh bho’n deach’ a mach solus agus dòchas na cruinne. Airson na h-Aithne, cha d’ thug mi dùil dh’ i fhathasd; agus ’s ann leam bu mhath a’ chathair àrd ud fhaicinn, far an cualas bho shean guth tréubhach Dhemosteneis, ceannard nam fear-labhairt, agus na liosan taitneach air bruachan an Ilissus, anns am b’ àbhaist do Phlato agus Aristotel, cinn-fheadhna a’ Ghliocais, an deisciobuil a theagasg anns an Fheallsanachd dhomhain bhrighoir a dh’ fhàg iad mar dhilib aig a’ chinne-dhaonna! An da bhaile-mhòr sin cha ’n fhaca mi fhathasd, ach an treas aon, ban-righ an domhain fad iomadh linn, cathair-mheadhonach na taimhainn, eadhon aig an la an diugh, ann an sùilean cuid mhòr de phobull na Criosdaidheachd,—an Roimh, chunnaic mi mu dheireadh, a’s t-fhoghar so ’chaidh, a’ coimhlionadh aon de aislingean m’ òige. Tha romham cunntas athghearr a thoirt air mo thurus, ag ainmeachadh nan seallaidhean sònruicht’ a chunnaic mi air an t-slighe. Chaidh mi thairis am bàta-smùid bho Dover gu Ostend, baile-puirt ann am Belgium, agus bu taitneach leam àileadh na mara, an deigh sgios an turuis-oidhche air an rathad-iaruinn eadar Albainn agus Sasunn. ’N uair a theid mi air an aiseag ud, ’s a chi mi cho faisg ’s tha oirthir na Fraing air cladach Bhreatuinn, tha ’n smuain an còmhnaidh ag eiridh, cia mòr an t-atharrachadh a rinn an caolas ud air eachdraidh an t-saoghail! Feudar a radh, gur h-i ’challaid-mhara ud eadar sinn agus an Fhraing, an gàradh-crich is féumail air aghaidh na talmhainn. Chaidil mi ’n oidhche sin ann an Cologne, aon do bhailtean-mor Phrussia, far bheil cathair-easbuig cho ainmeil ’s a th’ anns an Roinn-Eorpa. Tha còrr is cuig ceud bliadhna bho na thòisicheadh air a togail, ’s tha iad ag obair oirre fhathasd. Ach ’s fhad o ’n bha i deiseil airson aoraidh, ’s cha b’e sin a h-uile deisealachd. Cha robh mi riamh an taobh a’ stigh eaglais a thug cho mòr do m’ chuimhne briathran an t-sailm chaithreamaich, “Togaibh suas bhur cinn, a gheatacha, agus bithibh air bhur togail suas, a dhorsa siorruidh, agus thig Righ na glòire steach!” Uaith so chaidh mi suas turus latha air amhainn mhòir na Gearmailt, an Rhine. Tha ’n turus so ainmeil airson boidh’chead an t-seallaidh air bruachan na h-aimhne fad an t-siubhail. Air gach taobh tha na bruachan còmhdaichte le coilltean ’s le fion-liosan torach, ’s air mullach gach creige chi thu sean chaisteal, a bha ’n a àite-tàimh bho chionn fada aig fear dhe na baroin uaibhreach fhiadhaich a chum an tir uile fo chis, a’ riaghladh an t-sluaigh bhochd le slait iaruinn. B’ iad sud na daoine gun iochd, gun mhodh; ach dh’ fhalbh iad, taing do ’n Adh, ’s tha ’chuid mhòr dhe ’n caisteil a’ crionadh gu duslach. Is mòr an t-saothair a tha ’s a’ cur a mach air àrach nam fionan anns na h-àiteachan ud. Tha cus dhe na liosan air an togail a measg bhruachan cho cas ’s cho creagach ’s gur fheudar an ùir a chumail suas le ballaichean beaga, eagal i ruith leis a’ bhruthach. Shaoileadh tu nach b’ fhiach e ’n t-saothair a bhi stri ri àiteachadh an leithid de fhearann, ach thà fios ni ’s fhearr aig an fheadhainn do ’m buin e. Dh’ aindeoin tainead na h-ùrach, tha ghrian ro fhàbharach, agus tha cus dhe ’n fhion is grinne tha tighinn as an dùthaich ud bho thoradh nan ionadan cas cruaidh a tha sealltuinn cho mi-choltach. Bho ’n Ghearmailt thug mi ’n t-astar gu Switzerland, far am bheil a’ chuid mhòr de na beanntan a ’s àirde ’s an Eorpa, agus, mar chleachd do mhuinntir nam beann a bhi, sluagh cho tapaidh, cho calma, cho aoidheil, cho gràdhach air am beanntan fhéin, ’s cho comasach air an dion, ’s a tha air aghaidh an t-saoghail. Cha’n ’eil fine ann air an la an diugh ni’s fhearr cor, ni ’s fhearr riaghladh, ni ’s fhearr iannsachadh, na luchd-dùthcha Uilleam Tell. Tha ’m fearann mar is tric ann an lamhan na tuatha; cha’n ’eil uachdarain mhòr ach ainneamh; agus is e beartas àraid na dùthcha an crodh. Fad an t-sàmhraidh, gu deireadh an fhoghair, tha na buachaillean leis a’ spréidh, mar a b’ àbhaist a bhi ’n ar glinn fhéin, air àiridhean shuas anns na beanntan, aig àirde mhòir os ceann nam bailtean. Tha e na fhìor chulaidh ioghnaidh do choigreach an cuid bothain dhonn fhiodha fhaicinn cho fada shuas eadar e ’s na speuran, gle thric ann an àiteachan cho cas, ’s gu’n canadh tu gu robh iad ni bu nadurra airson ghobhar na airson dhaoine. Anns na h-àiridhean ud tha iad a’ deanamh cuid mhath dhe ’n chàis is fheàrr a th’ ann, seorsa ris an can iad Gruyere. ’N uair a ghleidhear gu cùramach e, mairidh e uine mhòr. Bhlais mi crioman a bha còrr is leth-cheud bliadhna dh’ aois, agus cha robh dad de choslus crionaidh air, ’s cha robh agam ’n a aghaidh ach gu ’n robh ’bhlas rudeigin làidir, geur. Dhe na seallaidhean bu chomharraichte a chunna mi anns an dùthaich bhreagha so tha Loch Geneva, no Loch Leman, h-aon dhe na lochan is àille air an t-saoghal. Tha e mu 50 mile air fad, agus eadar 5 agus 8 air leud; a cheann uachdrach, far am bheil an amhainn mhor an Rhone a’ tighinn a’ stigh, air a chuartachadh le beanntan uamhasach; agus na bruachan air an taobh tuath, fad an t-siubhail, bho cheann gu ceann, beo le bailtean is clachain, a measg chraobhan is fhionliosan, le sliosan feurach uaine air an cùl, a ruigheachd suas gu mullach nan cnoc, ’s air chul sin a ris na cruachan corrach creagach, ag éiridh gu àirde eadar 5000 agus 10,000 mile troidh os ceann còmhnard na mara. Ach ’s e ioghnadh àraidh an loch dath an uisge; cha ’n ’eil a choimeas ri fhaicinn, air ghuirme ’s air shoillearachd; ann am foclan an Sgriobtuir, tha e ‘mar na neàmha fein ann an soillse.” Sealladh anabarrach eile ’chunnaic mi, eas mu 50 troidh air àirde a’ tuiteam ann an loch aig ceann uamhaidh ’am broinn beinne. Cha ’n ’eil leus soluis anns an uamh ach na bheirear innte le coinnlean, agus ’s ainneamh fuaim a chuala mi ni b’ uamhasaich na toirm an uisge a’ tighinn a nuas ann an dorchadas na h-uamhaidh. ’S e Uamh nan Sithichean ainm an àite neònaich ud. Bha beanntan mòra ri ’m faicinn anns a h-uile àite, beanntan cho ard ’s gu bheil iad geal le sneachd ann an teis-meadhoin an t-samhraidh. Ach fhuair mi ann an aon àite sealladh cho sònruichte ’s nach dichuimhnich mi e ri m’ bhèo. Air mullach beinne còrr is 10,000 troidh air àirde, dh’ an ainm an Gorner Grat, bha mi air mo chuartachadh le crios de bheanntan, anns an do chùnnt mi fichead mullach eadar 12,000 agus 15,000 troidh air àirde. Tha iad ag radh nach ’eil, àite eile anns an Roinn-Eorpa bho m’ faighear leithid de shealladh bheanntan is raointean-sneachd. Dhe na beanntan is ainmeile dhiu sin tha Monte Rosa, Mischablehorn, Breithorn, Dent Blanche, Gablehorn, Rothhorn, Weisshorn. Ach tha aon bheinn an sud a tha gu h-àraid ainmeil, am Matterhorn. Tha i 14,800 troidh air àirde, agus tha i ag éiridh gu h-aonaranach, eadar-dhealaichte bho chàch, ’n a cruaich dhirich chreige, air chumadh geinne. Cha ’n fhaca mi fhathasd sealladh cho uamhasach. ’N uair a chi thu na neoil a’ snàmh seachad oirre, ’s a ceann dubh biorach a’ tighinn am fianuis shuas leth na slighe eadar thu ’s a’ ghrian, saoilidh tu nach buin i do ’n talamh idir, ach gur e h-ann creutair beo eagalach, a’ còmhnuidh anns na speuran. Chanadh tu gu’m bu cho coltach cas duine a mullach a ruigheachd ’s gu’n ruigteadh air iteig do’n ghealaich. Tha aghaidh na creige a’ sealltuinn mòran ni’s caise na mullach tighe, agus nan sleamhnaicheadh tu air a mullach rachadh thu sios a dh’aon tearnadh còrr is 4000 mile troidh (mu àirde Beinn Nibheis) gun stad! Thachair sin, mu thruaigh, do cheathrar fear, a cheud la a bhuinnigeadh a mullach, an deigh iomadh deuchainn, an samhradh 1865, Bha iad ochdnar ann a’ direadh, ’s ràinig iad a mullach gu tearuinte, le mor shaothair. ’N uair a thòisich an tearnadh, bha iad uile ceangailte ri chéile, mar tha ’n cleachdadh ann an direadh a measg sneachd is deighe. Thuislich fear dhe’n fheadhainn a bh’ air thoiseach, thuit e air a dhruim, agus sguabadh a chompanaich bho ’n casan còmhla ris. Spàrr a’ cheathrar a bh’ air dheireadh am bataichean anns a’ chreig, is leig iad an taic orra le ’n uile neart. Bhrist an taod eadar iad is càch, ’s chunnaic iad le oillt an ceathrar chompanach a’ sleamhnachadh, fear an deigh fir, as an sealladh, thar oire na creig aibheisich! Beagan la an dheigh sin fhuaradh tri dhe na cuirp air an t-sneachd aig bonn na creige, 4000 mile troidh bho ’mullach. Cha d’ fhuaradh corp a’ cheathramh fir (Morair Frang Dubhghlas, Albannach òg eireachdail) riamh. Is iad na beanntan mòra so a’ chrioch eadar Switzerland agns an Eadailt. Dhe na bealaichean eatorra cha’n ’eil gin ni’s ainmeil na Bealach Shimploin. Troimh ’n bhealach so rinn Buonapart Mor a cheud rathad eadar an da dhùthaich, aig costus anabarrach. Cha b’ e leas a cho-chreutairean a bha ’n a aire-san idir, ach comas armailt is uidheam chogaidh a ghiulan thairis air na beanntan, gus an Eadailt a chumail fo smachd. Cha robh ceisd aige, fhad ’s a bha ’n obair a’ dol air aghart, ach “Cuin a théid na canoin a null thar an t-Simploin?” Ach ged nach robh ’n a inntinn-san ach a ghloir fhéin, agus glòir na Fraing, bha ’n obair feumail do ’n t-saoghal, agus cha ’n ’eil rathad mòr ’s an Roinn-Eorpa is cliùtaich dhoibhsan a rinn e na rathad an t-Simploin. Tha ’n ceum is àirde dheth 6600 troidh os ceann na mara; cha’n ’eil cunntas air co meud lùb is car a th’ ann; ’s airson dhrochaidean, tha iad ’n an ceudan! Th e direadh bhruthaichean cas, os ceann choireachan is aimhnean tha uamhasach ann an doimhneachd, troimh choilltean mòralach giuthais, far an cluinn thu gàir nan easan fothad, agus air uairean toirm nan leum-shneachd (avalanches) os do cheann. Air an rathad so chaidh mi thairis do ’n Eadailt, agus dhe na seallaidhean a chunnaic mi cha b’e an Simplon bu shuarraiche! ’N uair a ràinig sinn am mullach, mu 8 uairean ’s a’ mhadainn, [TD 133] [Vol. 11. No. 17. p. 5] ged a bha sinn eadar 5 agus 6 uairean a’ direadh, chunnaic sinn am baile a dh’ fhag sinn ’s an dorcha, Brieg, fhathasd fodhainn, a’ sealltainn cho teann oirnn ’s gu ’n saoileadh tu gu’n ruigeadh peilear á musgaid e! Eadar an ceann sin dhe ’n rathad ann an Switzerland, agus Duomo d’ Oosola ’s an Eadailt, cha ’n ’eil ach astar 39 mile, ach ’s e 9 uairean an uine ’s lugha a ghabhas an diligence, le ceithir eich laidir, ris, i. e., beagan ni ’s fhearr no 4 ’san uair. Ach ’s ann a bha an sealladh greadhnach os ceann a’ ghlinne far am bheil am baile sin a’ luidheadh. Bha ’n sin comhthional do bheanntan glòrmhor, còmhdaichte le sneachd (Iungfrau, Eiger, Aletschhorn, &c.,) rughadh àigh na maidne a’ boillsgeadh air gach cruaich, agus fodha sin an ceathach bàn a’ seòladh gu ciùin, ’s a’ taomadh sios ’n a thuinn eadar na mullaichean ’s an gleann. Sin sealladh nach tréig mo chuimhne gu bràth, sealladh mar gu ’m b’eadh de bheanntan Neimh! Ach feumar stad an so, aig mullach an diridh. (Ri leantuinn.) A’ TILGEADH AN ARAIN AIR AGHAIDH NAN UISGEACHAN. “Tilg d’ aran air aghaidh nan uisgeachan, oir an déigh mhoran de làithibh gheibh thu e.”—Ecles. xi. 1. CIOD is ciall do’n earail so, agus do’n ghealladh a tha againn anns na briathraibh so? Le “aran” tha air a chiallachadh an so, sìol arain; sìol a’ phòir as am bheil an t-aran air a dheanamh: tilg do shìol arain air aghaidh nan uisgeachan. Agus ciod a tha so a’ ciallachadh? An cualas riamh tuathanach a’ cur sìl air a’ leithid so de dh’ àite? Nach smaointicheamaid gu’n robh an tuathanach sin air a bhreath-as, a chitheamaid a’ deanamh a ’leithid so—a’ sgapadh pòir phrìseil air aghaidh nan uisgeachan? Nach bu dìomhain duit sùil a bhi agad ri bàrr, no ri sguaban trom’ a ghiùlan dhachaidh le gàirdeachas? Ach na’m biomaide ’tàmh ’s an Eiphit, dlùth do’n abhuinn mhòir, ainmeil sin an Nile, a tha ’g uisgeachadh na dùthcha sin, agus a’ cur toraidh ’s an fhearann, thuigeamaid a’ chainnt a tha’n duine glic a’ cleachdadh. ’S an tìr thioraim, thartmhoir sin, ’s ainmic idir a tha uisge ’tuiteam ann am frasan as na speuran, mar anns an dùthaich againne: tha cinneas, fàs, agus tarbhachd ag éiridh o na tuiltibh a tha ’tighinn ’an àm an earraich air an tìr o’n abhuinn mhòir so a tha ’ruith thairis air an dùthaich uile. Tha àm cur-an-t-sìl a’ tòiseachadh ’n uair tha faochadh a’ tighinn air am tuil—’n uair tha ’n abhuinn a’ traoghadh, agus na h-uisgeachan a sìoladh air falbh: ach mu’n traoigh iad gu buileach, agus, fhad ’s a tha’n dùthaich fhathast air a còmhdachadh leis na h-uisgeachan, tha’n tuathanach a’ dol a mach a chur an t-sìl—tha’n sìol a’ tuiteam ’s an làthaich, no anns a’ chlàbar a tha’n tuil a’ fàgail—tha e gu luath a’ grunndachadh, agus a’ fàs—tha fochann a’ tighinn, ’s an dias bhuidhe, reachdmhor, abuich, agus an déigh mhóran làithean tha’n tuathanach a’ faotainn an t-sìl a rìs, agus a’ giùlan dhachaidh nan sguaban troma le gàirdeachas. So againn seadh nàdurra nam briathran a labhair an searmonaiche glic bho cheann a nis iomadh linn.—Faiceamaid an seadh spioradail a dh’ fhaodar a tharruing uatha. Anns a’ cheud àite, Faodaidh an creidmheach iomaguineach, fiamhaidh, iriosal, an cosamhalachd so a thuigsinn. Iadsan a dh’ fhiosraich faoineis an t-saoghail dhìomhain so—uamhas agus truaighe ’pheacaidh, ach a bhlais gur maith agus gur milis Dia—a fhuair eòlas air a ghràs—aig am bheil taic an anama air Slànuighear nam buadh—a tha ’deanamh spàirn chruaidh gu dol a stigh air an dorus chumhann, ’s a’ deanamh a h-uile dìchill chum an gairm ’s an taghadh a dheanamh cinnteach; nach bi iomadh ni ’n an rathad a tha ’dùsgadh an eagail? an saoghal buaireasach air an leth a muigh, ’s an cridhe cealgach, peacach air an leth a stigh—an nàmhaid sheòlta, an nathair lùbach, charach, nimheil a ghnàth ’g an tàladh ’s ’g am mealladh—fuigheall a’ pheacaidh a’ dlùth-leantuinn riu: O! ’s minic a tha iad ’an impis géill a thoirt—tha iad gu tric air bharail gu’m bheil e chearta cho maith dhoibh toirt thairis gu buileach—gu tric mar tha iad air an glùinibh ann an ùrnuigh, ag asluchadh le dùrachd an anama co-chomunn àrd spioradail a shealbhachadh ri Dia tha’n comas-cainnte, mar gu’m b’ eadh, a’ fàil’neachadh—tha ’n cridheachan fuara—tha neul duaichnidh, dorcha ’tighinn eadar iad ’s gathan sòlasach na gréine sin a b’ àbhaist dèarrsadh air an anaman, ’s tha iad air am fàgail ann an dorchadas brònach—tha iad a’ teachd a chum nan òrduighean do dh’ àros Dhé mar a b’ àbhaist, ach a nis tha iad mar thobair anns nach ’eil boinne de dh’ uisge ’thoirt beothachaidh—sòlas cha ’n ’eil a nis r’ a fhaotainn—ni mò sìth, no subhachas: tha smaointean faoine, saoghalta, peacach a’ goid a stigh, a dheòin no dh’ aindeoin; ’n uair bu mhiann leo ’bhi air a’ bheinn maille ri Dia a mhàin; tha’n duine truagh air ’éigneachadh gu éìgheach a mach ann an doilghios ’anama, “O! ’s duine truagh mi, cò ’shaoras mi o chorp a’ bhàis so. ’S dìomhain, ’s dìomhain domhsa gach saothair, ’s gach dìchioll!” Ach ged fhuair e na h-òrduighean mar thobraichean tiorma gun uisge roimhe so, tha e ’g an taghal a rìs—ged bhàsaich an ùrnuigh roimhe so air a bhilibh, tha e ’g ùrnuigh a rìs; ’s ged bhuadhaich an nàmhaid thairis air roimhe so, tha e ris air a bhonnaibh gu còmhrag a chur ris as ùr: seadh, dorcha, mi-choltach ’s mar tha ’chùis, cha do chaill e uile gu léir a dhòchas, agus c’ar son? Tha gealladh Dhé aige, “Tilg do shìol arain air aghaidh nan uisgeachan; agus an déigh mhòran de làithean gheibh thu e.” O! an fhìrinn shòlasach! Gealladh an àigh! Thusa ’tha fo iomaguin, dean greim daingean air a’ ghealladh so—na caill do mhisneach; idir, idir na toir géill, ’s na tuit gu eu-dòchas. Tha iomadh ni mì-chinnteach ’s an t-saoghal so, ach cha ’n ’eil mì-chinnteas air bith ann an gealladh Dhé. Am bheil thus’ ann am barail nach ’eil Dia ’gabhail suim de gach cnead bhrònaich, agus osna mhuladaich a tha ’g éiridh uait? Cha’ n ’eil uiread ’s an deur a’ tuiteam bho d’ shùil gun fhios da—cha’n ’eil an osna ’s ìsle ’tha ’g éiridh á d’ uchd nach ’eil a’ ruigheachd cluasan Iehòbhah Mhòir! Cha ’n ’eil ceum sgìth a tha thu ’gabhail nach ’eil ’g ad ghiùlan na’s dlùithe agus na’s dlùithe air ceann-crìche do thuruis. Ach, theagamh, gu’m bheil an creidmheach iomaguineach ag ràdh, “C’uin a bhitheas an gealladh so air a choi’lionadh? Dean foighidinn a’ dhuine—fòil bheag, agus tuigidh tu cho fìrinneach ’s a tha Dia. Am bu mhiann leat an coran rioghail ’fhaotainn gun an réis a ruith?—an fhois ’fhaotainn a tha ’feitheamh air luchd-muinntir an Tighearna, gun an turus sgìth a chrìochnachadh? Am b’ àill leat do sguaba trom’ a bhuain ’s an fhoghar’? ’Nis an t-àm gu cur. Thig àm an fhoghair’, fuirich thusa ris—bi thusa dìleas gu bàs, agus mur buain thu do sguaban le gàirdeachas ’s an t-saoghal so, buainidh tu iad le gàirdeachas ’s an t-saoghal bheannaichte ’tha ri teachd. Mothaich, tha’n duine glic ag ràdh, “an déigh mhòran de làithean.” ’S dòcha gu’m bheil iomadh ceum sgìth, imcheisteach, agad fhathast r’a dhol trìd—iomadh deur goirt r’a shileadh—iomadh deuchainn r’a fhulang air an taobh so de’n uaigh; ach coma cò dhiubh, ann an àm iomchuidh buainidh tu, mur fannaich thu, agus ’s e’n t-àm iomchuidh àm Dhé. Gabh, ma ta, air d’ aghaidh, a chreidmhich—dean thusa do dhìchioll, ’us earb a’ chùis ri Dia; ’s ged a tha thu, mar gu’m b’ ann, a’ cur an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan, bithidh agad fhathast deireadh-bhuana sholasach. “Iadsan a chuir gu deurach sìol, Gu subhach ni iad buain: Le neach gu cur a thig a mach, Le sìol ro phrìseil caoin. Air bhi dha ’gul gu muladach, ’G a ghiùlan sud gu fonn, Le aiteas pillidh e gu dearbh, A’ giùlan sguaban trom.” Tha ministeir an t-soisgeil a’ faotainn culaidh-mhisnich o’n ghealladh so—is tuathanach esan a tha air a chur a mach a chur sìl—aran prìseil na beatha maireannaich. ’S coltach esan da rìreadh ri neach a tha ’sgapadh an t-sil air aghaidh nan uisgeachan: tha e gu tric mar neach a tha ’saoithreachadh ann an dìomhain; tha mòran de’n t-sìol mhaith a tha air a chur, mar gu’m biodh e air a shaltairt fo chasan—mòran dheth air a thogail air falbh le eunlaith an athair. Tha cuid a’ tuiteam mar air na creagan cruaidhe—tha esan fo dhìobhail misnich, a’ togail gearain an fhàidh Isaiah, “Cò ’chreid ar teachdaireachd, agus cò do’n robh gàirdean an Tighearn’ air ’fhoillseachadh?” An urrainn do mhinisteir dìleas gun a bhi fo eagal, agus fo iomaguin mhòir? Tha e ’cur an t-sil mhaith, ach tha luibhean fiadhaich a’ cinntinn ’n a mheasg—tha iomadh, iomadh aobhar cùraim ’us eagail aige—cha’n ’eil an obair naomh, ar leis, a’ cinneachadh, no ’soirbheachadh ’n a làimh—cha léir dha toradh a shaoithreach—“Co,” ars’ esan, “a tha comasach air son nan nithean so!” Cha’n fhiosrach e gu’m bheil cinneas do’n t-sìol a tha e ’cur—cha léir dha am fochann, no an dias—bu mhiann leis luidhe sìos—a làmhan a phasgadh ann an eu-dòchas; tha e ’tilgeadh an t-sìl mar air druim a’ chuain, cha’n ’eil fhios aige ciod a ni e; ach ’n uair tha e mar so ’an impis toirt thairis, tha guth Dhé ’g a ruigheachd, ag ràdh, “Tilg thusa do shìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran làithean gheibh thu e.” O! Gealladh an àigh! Cliù do Dhia air a shon. Tha e ’gabhail misnich—tha e ’g ath-ùrachadh gach saothair—tha e ’cuimhneachadh gur e ’dhleasnas-san an sìol a chur—am fonn ’àiteachadh mar is fearr a’s urrainn d’a, agus earbsa chur ’an Dia—tha e ’toirt fainear gu’m faod Pòl suidheachadh, agus Appolos uisgeachadh, ach gur e Dia a mhàin a’s urrainn toirt air an t-sìol fàs: ’n uair is muladaiche, iomaguiniche tha e, tha e ’cuimhneachadh a’ gheallaidh a tha ’g ràdh, “An déigh mhòran làithean gheibh thu rìs e:” agus tha e ’smaointeachadh, an déigh do’n fhòid a bhi air a càradh thairis air, ’s a chorp fo lic—an déigh do ’n t-saoghal a dhì-chuimhneachadh, ’s a theanga ’bhi balbh, tosdach ’s an ùir, theagamh gu’m faod peacach bochd, allabanach, a rinn tàir fad iomadh latha air an t-sìol, a bhi air a dhùsgadh le cuimhne nam briathran a labhair e o cheann iomadh bliadhna. Ged nach d’ fhàs an sìol fad iomadh bliadhna, cha do chrìon e; agus am ministeir sin a chaidh sìos do’n uaigh le cridhe bronach, fo bharail gu’n robh e féin a’ saoithreachadh ’an dìomhain, coinnichidh cuid dhiubh so e as an do chaill e ’dhòchas—coinnichidh iad e ’s an t-saoghal eile—cuiridh iad fàilte shòlasach air mar an tì ’bha air a bheannachadh le Dia chum an dùsgadh—an toirt a chum Chriosd, agus fa dheòidh, chum glòire; agus bithidh iad mar choron glòir’ agus gàirdeachaìs d’a anam ann an rìoghachd nam flath—thilg esan an sìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran làithean fhuair e ris e. [TD 134] [Vol. 11. No. 17. p. 6] ’S an dara àite, Nach iomadh athair agus màthair a fhuair dearbhadh sòlasach air fìrinn a’ gheallaidh so, ’thaobh mhac agus nighean, mu’n do chaill iad car tamuill dòchas? Am measg gach deuchainn a’s urrainn teachd ’an caramh a’ chreidmhich ’s an t-saoghal-so, cha’n ’eil a h-aon a’s truime, agus a’s deuchainniche na mac, no nighean ’fhaicinn a’ siubhal air slighe shleamhain a’ pheacaidh—air an toirt thairis do ghòraich’, agus do dh’ ain-diadhachd; agus, O! ’s iomadh athair, agus màthair, a tha’n deuchainn uamhasach so ’toirt le ’n cinn liath fo bhròn a dh’ ionnsuidh na h-ùrach! Rinn iad so an dìchioll—thog, agus dh’ àraich iad iad ann an eagal an Tighearna—dh’ oileinich iad iad ann an eòlas Dhé agus an t-Slànuighir—dh’ oidhirpich iad eisimpleir chneasda, dhiadhaidh, agus chreidmheach a chur m’ an coinneamh—choisrig iad iad do Dhia—ghiùlain iad air an cridheachan ann an ùrnuigh iad; ach chaidh a’ chùis uile ’n an aghaidh; bhrist iad an cridheachan, ’s le ’n osna bhàis, dh’ earb iad iad ri Dia. Chaidh iad gu bàs ’an dùil gu’n robh a h-uile dìchioll agus saothair a chleachd iad gun stàth—gu’n do thilg iad an sìol air aghaidh a’ chuain, agus a chaoidh nach faigheadh iad air ais a’ bheag no ’mhòr dheth; ach ma dh’ fhaoidte gur ann aig uaigh an athar, no a’ giùlan ceann na màthar do ’n Chill a thig am briathran ’s an comhairlean dhachaidh chum an cuimhne, ’s mar tha iad ag éisdeachd fuaim na h-ùrach a’ tuiteam air na clàraibh dubha—a’ chiste chaol, chumhann anns am bheil corp an aoin nach maireann, ma dh’ fhaoidte gur ann an sin a dh’ fhosglas Spiorad Dhé tobar nan deur ’s a’ chridhe; ma dh’ fhaoidte gur ann an sin a dh’ éireas an ceud ghlaodh gu nèamh, “O! Dhia thoir maitheanas dhomh”—ma dh’ fhaoidte gur ann an sin a dh’ fhairichear an ceud deadh rùn, ’s a nithear ’s an anam an ceud ghealladh do Dhia; agus air maduinn na h-aiseiridh, theagamh, gur i ’cheud chainnt a chluinneas an t-athair, no a’ mhàthair, fàilte shòlasach an leinibh mic mu’n do chaill iad an dòchas, le dealas diadhaidh àrd a’ toirt glòir’ do Dhia gu’n robh an leithidean sin de phàrantan aige, ’thug achmhasan agus fòghlum, agus comhairlean agus geallaidhean dòchais—a ghuidh air a shon le dùrachd nach d’ fhàilnich, ’s le gaol nach d’ fhàs fuar. ’Nis—a nis tha dearbhadh follaiseach aig an athair ghràdhach, ’s aig a’ mhàthair chaoimh gur fìrinneach gealladh Dhé, “Tilg do shìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran làithean gheibh thu e.” A phàranta do’n tug Dia clann, thugaibh so fainear; na tugaibhse géill a thaobh ’ur mac, no ’ur nighean, fhad ’s a tha’n deò annta; ged dh’ fhàisg, ’s ged sgàin iad ’ur cridhe, na togaibhse d’ar dleasnas féin, saothrichibh an aghaidh dòchais, deanaibhse ’ur dìchioll, agus earbaibh a’ chùis ri Dia: fhad ’s a tha iad fo’n aon fhàrdaich leibh, labhraibh gu ciùin, gràdhach riu mu Dhia, agus mu ’n t-Slànuighear ghlormhor—teagaisgibh dhoibh ùrnuigh a dheanamh, cluinneadh iad ùrnuigh uaibh. ’N uair a dh’ fhàgas iad an tigh ’s an d’ fhuair iad an àrach òg, ’s a ghabhas iad an saoghal mòr fo’n ceann, leanaibh iad le’r litrichean gràdhach—le ’r n-ùrnuigh dhùrachdaich; guidhibh air Dia an stiùradh, ’s an treòrachadh ’s an t-slighe cheirt, agus ma tha sibh a’ mothachadh ’ur crìche ’dlùthachadh cuiribh fios orra, ’chum le’r briathran bàis gu’n earailich sibh iad; ’s mur urrainn doibh teachd g’ur n-amharc, fàgaibh fios aca gu’m bheil dùil agaibh an coinneachadh ann an nèamh, àite do nach urrainn ni neòghlan, no mi-naomha teachd; agus ma ni sibh so gu tràthail, ann an earbs’ á còmhnadh an Spioraid Naoimh, bithidh aobhar dòchais agaibh gu’m faigh sibh saoibhireachd ghlòrmhor agus fìrinn a’ gheallaidh so, “Tilg do shìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran làithean gheibh thu e.” (Ri leantuinn.) NAIDHEACHDAN GAIDHEALACH. MUINNTIR A’ SGADAIN. Tha cor nam mnathan a tha a’ dol á Albainn do Shasunn ag aobharachadh moran deasbud am measg cuid araidh a tha ag amharc as deigh gluasad is beusan nan luchd-oibre, gu sonruichte ann an Yarmouth. Anns a bhaile iasgaich ainmeil so bha moran do ar peathraichean á Albainn, agus tha na Sasunnaich a’ cur as an leth nach ’eil iad cho grinn agus cho glan ’s a dh’ fheudadh iad a bhi. Tha sinn uile eolach air an t-seann sgeul so mu shalachar cach a cheile. Far am bheil bochdainn bidh trioblaid, deuchainn, agus theagamh salachar. Ach bhiodh e feumail dhuinn a bhi cuimhneachadh nach ’eil seadh no brigh is luach ann an gnath-fhacail neo-chinnteach do’n t-seorsa so. Tha cuid do na gnath-fhacail lan do’n bhreig; agus bhiodh e ’na shaorsa spioradail a bhi ’gan leigeadh á cuimhne. Ach tha moran do bhrigh deadh bheusan ’nan aoradh. Uime sin bu mhaith leinn a bhi cumail fa chomhair ar co-Ghaidheil anns gach aite gu’m biodh iad ’gan gleidheadh fein saor o na cleachdaidhean ud a tha cho neo-airidh air an cliu agus an gne. Cha bhiodh e ceart a bhi ag radh facal neo-chaoimhneil mu na caileagan smiorail seadhail, misneachail a chaidh á Albainn do Shasunn a dh’ fhaotainn beoshlaint ionraic, onorach a bhiodh ’na chuideachadh dhoibh féin agus d’an daimhean. Ach bhiodh e ’na obair chneasda do mhoran a bhi deanamh an dichioll air a bhi cuideachadh nan nigheagan stritheil so co-cheangailte ri iasgach a’ sgadain. Rinn Mr Weir, B. P., oidheirp airidh anns an rathad so; agus ma chumas esan agus feadhainn thuigseach eile a’chuis so fa chomhair an suil tha sinn cinnteach nach bi an gluasad gun toradh.—Oban Times. AM BU GHAIDHEAL AM BARD BURNS? Thug Mr A. S. Mac ’Illebhride òraid seachad an oidhche roimhe mu choinneamh Comunn Chloinn Fhionghain ann an Glaschu anns an d’ oidheirpich e air a dhearbhadh gum b’ ann de shìlidh Ghàidhealaich a bha am bàrd iomraiteach sin, Raibeart Burns. Cha ’n esan a cheud fhear a rinn a mach gu robh buinteanas aig Burns ri Tìr nam Beann. Feumar an t-urram sin a thoirt do ’n uasal ghrinn agus an deagh sgoileir Mr Alasdair Mac ’Illemhìcheil ann an Dun-éideann. Tha bliadhnachan bho’n a thuirt Mr Mac ’Illemhicheil gum bu Chaimbeulach Bàrd nan Gall a thaobh sìnnsireachd. So mar a tha’n seanachas a’ dol. Bha fear Bhaltar Caimbeul a’ fuireach aig Tigh-an-Uillt, làmh ri Loch Eite. Air son aobhar aig chor-éiginn ghabh luchd-feadhna a chinnidh fuadh dheth, b’ fheudar dha an t-aite fhàgail agus theann e air falbh rathad na h-àirde ’n ear. Chuir e ’suas a chòmhnuidh ann an siorramachd Chinne-cheardainn fo ainm ùr. B’ e ’n sloinneadh a ghabh e anns an àite so, “Burnhouse”—’s e sin a’ Bheurla air son Tigh-an-Uillt. Ri h-ùine thoisich e fhéin agus a shliochd air an ainm ùr a dheanamh na bu ghiorra. Thug iad an toiseach e gu Burneys agus a’ rithisd gu Burness. Tha e air a ràdh gum b’e am bàrd fhéin a sgiobalaich e gu Burns. An déigh so cha mhor nach fhaod sin rud sam bith a chreidsinn. Cha ’n e gum bheil sin a’ cur teagamh ann am facal Mhr Mac ’Illemhìcheil, ’choinn, tha làn fhios againn nach àbhuist dha labhairt air thuairmeas idir. Ach gu cinnteach tha na Gàitheil tuilidh a’s sanntach gu ’bhi a’ tagradh càirdeas ris gach duine beò ’us marbh a chomharraich e fhéin air son buadhan agus talantan thar cumantais.—Oban Telegraph. IAIN MURDOCH. Chaochail an Gàidheal ainmeil so air an t-seachdain a dh’ fhalbh; agus bidh sgeul a bhàis ’na aobhar bròin anns gach àite aig an tigh agus thairis anns am faighear Gàidheil. Bha e sè agus ceithir fichead bliadhna a dh’ aois ’nuair a thainig a’ chrìoch. Rugadh e ann an Ardchlach, siorrachd Narruinn, ach mu’n robh e ach glé òg thainig ’athair a dh’ Ile far an d’ fhuair Iain a thogail agus ionnsachadh. ’Na òganach chaidh e do ’n Excise anns an do sheirbhisich e mu dhà fhichead bliadhna. Thoisich e tràth air sgriobhadh anns na paipeirean-naigheachd; agus ’nuair a dh’ fhag e seirbhis a’ chruin ghabh e am paipeir “An t-Ard Albannach” os làimh. Co-cheangailte ris a’ phaipeir so cha robh cearn do’n Ghaidhealtachd nach d’ fhiosraich e a’ tagradh còirichean an t-sluaigh a thaobh an fhearainn. Bha e geur-shuileach, comasach, tuigseach mu ’n cheist so agus cha’n fhaighteadh mòran a bheireadh buaidh air ann an argumaid. Shaothraich e gu duineil dileas anns an aobhar so, araon ann an Gàilig agus ann am Beurla, le peann agus le teanga troimh chursa a bheatha o thoiseach gu deireadh. Bha e ro dheidheil air an éideadh Ghaidhealach a bha e ghnàth a’ caitheamh a shamhradh ’s do gheamhradh. Dh’ fhuiling e troimh dhoille anns na làithean mu dheireadh; ach beagan mu’n do chaochail e bha e comasach air a bhi sgriobhadh a dh’ ionnsuidh cuid de na seann chàirdean.—Oban Times. GAIDHEIL AINMEIL. An diugh tha dà Ghàidheal ann as am bheil uile lan do uaill. Cha ’n ’eil moran am measg nan clanna aig am bheil cliu is àirde na Tighearn ainmeil duthaich Mhic-Aoidh. Mar fhear-stiuraidh cùisean fòghluim anns an duthaich so agus am measg nan Duitseach cha’n ’eil fear a’s comasaiche ri fhaotainn. Tha feartan ’inntinn neartmhor: tha a shuil geur a thaobh teagaisg nan nithean ud a b’ fhearr air-son an t-sluaigh; agus tha a ghne cneasda lan do cho fhaireachdainn. Chaidh e o cheann ghoirid do Mhor-thir na h-Eorpa; agus beagan laithean roimhe so thainig iomradh a mach ’s na paipeirean gu’n robh esan (Lord Reay) ann am Paris co-cheangailte ri coinneamh shonruichte nan Academaich ainmeil ’san duthaich sin agus a tha aig an tigh. Chuala sinn e gu tric ann am Beurla ealanta: ach tha e air a radh gu’n d’ thug e oraid do na Frangaich a bha cho glan ’s cho ealanta ann an teanga ’s a bhiodh e comasach do na Frangaich féin a dheanamh. ’Se an Gaidheal eile a tha sinn a’ ciallachadh an saighdear sin do chlann ’Illeathain a tha ’na cheann air arm Morocco far am bheil cogadh air briseadh a mach ann an taobh a steach do chriochan na righeachd fein. Tha ioma d’ a chairdean nach ’eil fad as mar bha air innseadh o cheann ghoirid anns a’ phaipeir so. A reir coslais tha e ’n a dhuine anns am bheil seadh, spiorad treun agus ghiocas sonruichte. Mur biodh na seilbh so aige cha bhiodh e anns a’ phosta ard chunnartach anns am bheil sinn ’ga fhacinn an diugh.—Oban Times. Cha b’ e ’n t-uisge nach ruitheadh ach am muileann nach bleitheadh. Cha bhi cuimhne air an aran ach fhad ’s a mhaireas e ’s an sgornan. Cha chuir bean-tighe ghlic a h-uibhean uile fo aon chirc. Cha ’n ’eil ann cosmhuil ris an dachaidh. Cha chluinn e ach an rud a’s binn leis. [TD 135] [Vol. 11. No. 17. p. 7] Oran a Mhoid. LUINNEAG. ’M pòs thu, ’nighean òg an Rìgh? Fiach a ghaoil nach diult thu mi; ’M pòs thu, ’nighean òg an Rìgh? Thug mi ’n sgriob so air do thòir. Ged tha bean an Righ ag ràdh Nach pos Mili mi gu bràth, Nuair a dh’ éisdeas i ri m’ chàs Bheir i dhomh gun dàil an òigh. Cha ’n ’eil fàth dhuit bhith tàir, Ged tha failinn bheag nam dhàil; Cha bhi curam dhuinn gu bràth, Gheibh mo mhàthair duinn gu leoir. Bidh ar bothan air a bheinn Far am bi na h-eoin a seinn, ’S cha bhi curam duinn a cloinn, Bhon tha ’n loinn sin air mo sheors’. Thug mi ceum a sios do ’n chùl ’Dh’ iarraidh Mairi air Nic Dhùgh’ill; Ach ’s ann thoisich i ri bùrt, ’S chaidh mo chùis a chur gu mòd. Thug na mnathan breith bha cruaidh, Thuirt iad, “Faighibh dhuinn gu luath Bacstar dubh nan each a nuas, ’S theid an truaghan ’chur bho spòrs.” Lùb mi sios nam chaman crom, Thainig meathadh orm bha trom; Bhrùchd am fallus ’mach troimh m’ chom, ’S boinne lom a ruith le m’ shroin. Air mo thaobh bha bean na bàigh’, Sheas i leam gu dian nam chàs, ’S fhuair i fàbhar dhomh bho chàch; Ceann an àigh, a bhantrach mhor. Gu grad dh’ éirich Peigi Ruadh, ’S fuil nam bàrd a leum na ’gruaidh, ’S thuirt i, “Fhuair mi-fhin Di-luain Sgeul a ghluaiseas sinn gu ceol. Ged is iomadh sagart suairc Bha ’san tir s’ againn air chuairt, ’S cuid diu ainmeil ann an duain, ’S e mo luaidh-s’ an sagart mor. Bidh àithn’ ùr do ’n sgir’ gu léir Air a gairm an déidh na féill; Aithne ’fhreagras do gach té, ’S a ni feum do dh-Uilleam còir. Mun dig crioch air mios’ a Mhàirt, Cha ’n ’eil fleasgach anns an àit, Biodh e dubh, no ruadh, no bàn, Nach bi ’n sàs mar dhuine pòsd’. Cha ’n fheil caileag air an t-sliabh, Maighdean shean, no bantrach liath ’Tha fo bhron air son na thriall, Nach faigh miann a cridh’ air dhòrn.” Nuair thug Peigi ’sgeul gu crìch, Thuirt gach te le eibhneas cridh: “Agad fhein tha ’n naidheachd bhinn; Nach h-i ’n tir so bhios air doigh? Cha deid Bacstar ’chur am feum, Fanadh e taobh thall an t-sléibh, Bheir sinn bean do dh-Uilleam treun, ’S ni i eibhinn e r’a bheo.” ’Bhantrach mhor, a rùin nan ceud, ’Sa thé ruadh an t-seanachais réidh, Mile beannachd dhuibh le chéil’; ’S mor am feum a rinn sibh dhomhs’. Cha ’n fheil agam ach buntàt’, ’S uisge glan nam fuaran ard, Ach ma ’s beo mi gus am Màrt Bidh mi mànran ri mnaoi-oig. Rinneadh an t-oran so an Arisaig ’sa gbliadhna 1886. Bha Uilleam car sean, ahus cha robh doigh aige air bean a chumail. ’S e duine boidheach, cumadail, agus duine gasda, a bha an Iain Bacstar. Bha am fear a rinn an t-oran eolach gu leoir air. Bha ’n Righ aig sluagh mar ainm air an righ a tha ’san oran. Tha e ’na dheadh chomharra duine fhaicinn a’ cur a chloinne do ’n sgoil: tha e ’na dhroch comharra am faicinn air an togail ann an sgoil dubh na sraid. Lucy Gray. (O Bheurla Wordsworth.) ’S tric chuala mi mu Lucy Gray; ’S a dol troimh ’n fhàsach mhor, Gu ’m faca mi air eirigh gréin’ An t-aonaranach og. Cha b’ eol dith caraid no fear-gràidh, Oir bha i tàmh ’s an raon: Cha ’n fhacas riamh cho grinn a’ fàs Aig fàrdaichean chlann-daoin’. Gu ’m faicear fhathast meann a’ leum, Is coinean ’mach air blàr; Ach aodann maiseach Lucy Gray Cha ’n fhaicear leinn gu bràth. “Bidh ’n oidhche doirbh le cathadh dlùth— Mo leanabh ni thu falbh Le d’ lainntir beag do ’n bhail’ a null, Gus d’ mhàthair iùil ’san dorch’.” “Gu toileach falbhaidh mi gun dàil, Cha ’n ’eil an ùine gann— An t-uaireadair gu ’n bhuail e dha, ’S a ghealach as mo chionn.” Gu ’n ghluais an t-athair aosd’ a mach A dheanamh turn is gleus; A nighean bheag ’san àm gu ’n deach’ I air a turus fhein. Gu ’n shiubhail i mar earba chaol; Bha ’n sneachda falbh bho ’cois Na fhrasan mìne aig a ghaoith, Ga ’thilgeadh thall ’s a bhos. Gu ’n dh’ eirich stoirm ris nach robh dùil, Cha b’ eol dith ’cùrs’ fa leth; ’S ged dhirich i ri iomadh stùc, Cha d’ rinn i ’m baile dheth. Na parantan bha ’n oidhch ud truagh Ga ’h-iarraidh anns gach àit’; Ach comharradh sam bith cha d’ fhuair A dh’ innseadh dhaibh mu ’n phàisd’. ’S a mhaduinn mhoich, gu àrd air creig, Gu ’n sheas iad ann le chéil’; Bho sin gu ’m fac’ iad drochaid bheag Bha goirid dha ’n tigh fhein. Air dhaibh bhi tilleadh, ’s iad a glaodh’ich, “Air Nèamh gu ’n coinnich sinn!” Gu ’n chomharraich a mhàthair chaomh ’S an t-sneachda cumadh ’buinn. Bho sin gu ’n lorgaich iad a ceum Le bruthach cas ni ’s leoir, Is tarsuinn air an droighinn gheur, Is faisg do ’n challaid mhoir. A’ dol troimh phairce leathuinn, mhoir, Gu ’n lean iad dluth gach eag A rinn a ceum ’san t-sneachda reot’, Gu ruig an drochaid bheag. Gu ’n lean iad sios bho àird na bruaich Na lorgan, té ma seach; Far bil’ na drochaid, sgeula cruaidh! Gu ’n deach a luirg a mach. Tha cuid gu laidir ’cur an céill Gu ’m bheil i fhathast beo; ’S gu ’m faicear coltas Lucy Gray Air feadh an fhàsaich mhoir. I coiseachd talamh garbh is mìn, Na deigh cha toir i sùil, Is luinneag thiamhaidh aic’ ga ’seinn Tha feadarsaich ’s a’ ghaoth. D. D. Bas. —Air Di-ciaduin, an ochdamh latha fichead dhe ’n mhios s’a chaidh, dh’ eug Eachunn Mac Neill, Eachunn Bàn mac Sheumais ’ic Eachuinn, aig Glascho, parraisd Bhaoghasdal, ’san t-siorrachd so. Bha e tinn fad ùine mhor. Chaidh a leasachadh a dh’ ionnsuidh a bhàis le ’shagart paraisde, an t-Urr. Alasdair Mac Gillebhràth. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois. Tha e ’na dheadh chomharra duine fhaicinn a’ siabadh an fhalluis bhar a mhala; tha e ’na dhroch comharra duine fhaicinn a’ siabadh dheth a’ phuill air dha tuiteam fo mhisg. Iadsan a Phaigh. D. Mac Gilleain, Rudha ’n Rothaich M. L. Mac Fhionghain, Point Clear Ruairidh Mac Philip, Loch Lomond Coinneach Mac Rath, Loch Bhlackett Niall Mac Amhlaidh, Homeville D. Mac Gilleain, Ashfield Bean Dhùghaill Bheutoin, Glenora Falls Iain Mac-a-Mhaighstir, Markton M. S. Mac Neill, Gleann Bharra Niall Mac Gilleain, Eildear, Roseburn Postmhaighstir, Salem Road Mairi E. Nic Gilleain, Gabarus Tearlach MacLeoid, Framboise I. W. Domhnullach, Malagawatch Alasdair Mac Neacail, Birch Grove Ailein Camaran, Abhainn Dhennis D. I. Mac Leoid, Sidni Iain Ceanadach, Abhainn a Deas, N. S. Bean Iain Mherlin, Springhill, N. S. Domhnull Mac Calamain, Kinross, E. P. I. D. Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E. P. I. D. D. Mac Gilleain, High Bank, E. P. I. Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont. Domhull Mac Gillemhaoil, Dunbheagain, Ont. Calum Deora, Dunbheagain, Ont. Padruig Mac-an-t-Saoir, Presque Isle, Ont. Iain Domhnullach, Park Hill, Ont. E. N. Domhnullach, Reedsville, Que. Bean Chaluim Mhic Leoid, Springhill, Que. Tormad Moireasdan, Peveril, Que. Niall Domhnullach, Dauphin, Man. D. I. Mac Phàrlain, San Francisco, Cala. I. D. Mac Gilleain, Avalon, Cala. Domhnull Mac-an-t-Saoir, Ivanhoe, Mich. Mairi Dhomhnullach, Milton, N. Dakota Mrs. C. B. Fox, Dorchester, Mass. Niall Seathach, Tairbeart, ’sna Hearradh Domhnull Mac Gilleain, Glascho, Alba Bean Eachuinn Mhathanach, Bhaltos, Alba E. C. Owggin, Cambridge, Sasunn [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An Togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. . EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 136] [Vol. 11. No. 17. p. 8] Bean Iain Ruaidh. Bean Iain Ruaidh an Allt-a-Bhealaich! Bean Iain Ruaidh an Allt-a-Bhealaich! ’N eòl dhuibh mar a mheall i mi Nuair bha mi tigh’nn thar bràighean Bhealaich. Thuirt i le bòid gum biodh i leam-s’, Gun robh i orm an geall le ’cridhe; Ach, O! a ghogaid mheallt’ gun stéidh, Tha ’m bodach breun aic’; thréig i ’h-Iain. ’S i-féin bha tapaidh, sunndach, grìnn, Is anns an rìdhle fìnealt’, ealant’; Bhiodh àgh am chridh’ nan d’ fhuair mi i, No nam bu mhi Iain Ruadh a Bhealaich. Gnùis mhaiseach, réidh, sùil shoilleir, bheò, ’S beul meachair beag a’s bòidhch’ a chithear; Bidh agam-s’ gràdh dhi ré mo là, Ged ghabh i slàn gu bràth le h-Iain. SEAMRAG. Marbhrann Do dh-Alasdair Beag Stiubhart a chaidh a bhàthadh aig a Ghlaisbheinn mu ’n bhliadhna 1834. LE DÒMHNALL MUNRO AN RÒNAIDH. Gur a mis’ tha ’n diugh bronach ’Cur an ordugh mo sgéil. ’S i so ’n naidheachd tha ciùrrteach, ’Chual an dùthaich gu léir. ’S ann mu Alasdair Stiubhart Chaidh a dh’ ionnsaigh an eig; ’S gun do leithid an làthair Am measg àireamh nan ceud. Dhomhs’ nam b’ aithne deas bhriathran ’Chur mar dh’ iarrainn an sgeul, Dh’ innsinn pàirt dhe do thuigse, Dhe do ghliocas ’s dhe d’ bheus. Bha do chridhe gu fosgarr’ Is e socair d’a réir. Bu tric beannachd nam bochd ort ’N àm dhaibh fosgladh am béil. ’S ann ’sa chiste chaoil dhainginn, Air a sparradh le òrd A tha ceannard na riaghailt, Fear nach fiaradh a chòir. Bha do chaoibhneas ’s do chàirdeas Agus mànran do bheoil, A co-fhreagairt ri ’cheile; ’S mor am beud gun thu beo. Tha do bhràithrean, trom, dubhach, Tha do phiuthar fo ghruaim, Is tha t’ athair gad chumha, ’S tric lionn-dubh air a ghruaidh. Nuair a chuala do mhàthair Sgeul do bhàis ’s i bha truagh; Do chorp àlainn cha ’n fhac i Dol an tasgaidh ’san uaigh. Sin cha ’n fhac i, cha b’ urrainn, Chaill i spionnadh ’s a treoir; Dh’ fhàg a lùths is a neart i, ’S thainig laigs’ oirr’ le neoil. Tha i ’nise bochd cianail, ’S i ga t’ iargainn fo dheoir. ’N àite tilleadh mar b’ àbhaist Chaidh do bhàthadh san òb. ’S beag an t-ioghnadh do chàirdean A bhith cràiteach fo ghruaim; Chaill iad caraid bha bàigheil Agus àlainn ri ’luaidh, Ged a bhiodh tu le àireamh Air sgeir bhàthte ’sa chuan, ’S gum faight’ aon duin’ a thearnadh, ’S tus’ a ghràidh bheirteadh bhuaip’. Tha do chrodh is do chaoraich Air na raointibh gun doigh, ’S gun am buachaille ’n làthair, Ach an càradh fo ’n fhoid. Ged a theid mi gu t’ àite Cha chùis mhànrain ach broin, O nach faigh mi bhuait fàilte Mar a b’ àbhaist ’s tu beo. Bu tu ’n lamh air an treabhadh, Air cur corca ’s air buain; ’S e do bhaile bha doigheil, ’S gum bu mhor do chuid chruach. Nuair bhiodh càch air a ghainne Bu leat-s’ pailteas gu buan; Riamh cha chluinnteadh do ghearan, Is cha ’n fhacas do chruas. Do chlann bheag ’s iad mu ’n teine, Gun aon ghill’ air an treud, ’S nach h-fheil iad aig gliocas, Chi iad tuilleadh an éis. Ach gur làidir an t-Athair Gheall ’bhith mar-riu nam feum; Cha deid feoil ris an coimeas, ’S bheir E sonas nach tréig. ’S beag an t-ioghnadh do chéile Bhith gu h-eisleineach tinn; Bho ’n a thuigeas i-fhéin e, Fhuair i sgeula gu ’claoidh. ’Chaoidh cha ’n fhaic thu ’s t-earrach Dol le gearrain sna croinn; Tha do bhaile gun àird air, Dh’ fhalbh gach àgh agus loinn. Rinn mi dichioll gun dearmad Air do mharbh-rann a sheinn, Chum ’s gum biodh i mar chuimhn’ ort Aig an linn ’thig ad dhéidh. An nis sguiridh mi ’m sheanachas; ’S gnothach searbh dhuinn gu léir, ’Fhir ’bu taitniche cleachdadh, Thu bhith ’n glacaibh an éig. Fhuair mi a mharbh-rann so sa bhliadhna 1894 bho Iain Mac-Leoid, Iain Aonghuis Mhoir, duine tuigseach, tlachdmhor, caoimhneil a rugadh sa Ghlais-bheinn is a tha ’n diugh a comhnuidh eadar Orwell agus Abhainn Vernoin. Tha mi gu mor na ’chomain air son a sgriobhadh a sios agus a cur do m’ ionnsaigh. Tha e an nis corr is ceithir fichead bliadhna, agus is gann gu bheil duine anns an Eilein an diugh aig a bheil a mharbh-rann so ach e-fhein. Tha e na sheinneadair math, is tha mi cinnteach gun robh sin na mheadhon air a cumail na chuimhne. GLEANN-A-BHAIRD. Oran. Fhuair sinn an t-oran a leanas o Chalum Mac Leoid ann a Vancouver, B. C. Rinneadh e le ’athair, Ruairidh Mac Leoid, a bha an Eilean a’ Phrionnsa. Chuir M. Mac Laomuinn ann an Quincy, Mass., ceathramh dheth ann an litir bheag a sgriobh e ugainn o chionn ghoirid. A righ, gur muladach thà mi, ’S mi na m’ aonar an drasda, ’S tric mo smaointean air mo chairdean O ’n lath’ dh’ fhag mi Portrigh. LUINNEAG. Hithill iu, hìll o ró ho, Hithill iu, hìll o ró ho, Hithill iu, hìll o ró ho, Hogidh ó hó ró hì. Na ’m faighinn air m’ ordugh Soitheach diongmhalt’ a sheoladh, Rachainn fathast air m’ eolas ’S ruiginn Tròternis chaoimh. Rachainn na b’ fhaid’ ann air m’ eolas, Ruiginn dùthaich nan Leodach, Far an d’ fhuair mi m’ og arach, ’S tric ag ol as a chìch. B’ e sin dùthaich mo mhàthar, Far an d’ fhuair i og àrach, Bhiodh an crodh ac’ air àiridh ’S iad ag àrach nan laogh. Mile beannachd gu bràth Do ’n àite bheil sinn an dràsda! Their na mnathan gu stàtail, Lionte làn a phoit-tì! Bidh iad ’g iarraidh an t-siùcair Gus a fàgail na ’s cùbhraidh, ’S mur bi uachdar gle ùr innt’ Cha bhi diù aca dhith. Seachainn an t-sùil a dh’ aithnicheas an t-olc gu luath, agus a tha mall a dh’ fhaicinn a’ mhaith. Tha tri nithean ro dhuilich ann, sgeul rùin a ghleidheadh, caineadh no lochd a dhiochuimhneachadh, agus feum math a dheanadh a dh’ ùine a bhitheas aig neach dha fein. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton [TD 137] [Vol. 11. No. 18. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 6, 1903. No. 18. Comharraidhean air Caochlaidhean na Side. CHA ’n ’eil dùthaich air thalamh anns nach faightear am measg a luchd-àiteachaidh comharraidhean sònruichte leis an tuigear roimh làimh, ann an càileiginn, cuid de na h-atharraichean sin tha teachd air an t-sìd. Tha cuid de bheothaichean ann aig am bheil mothachadh mor air caochladh air bith a tha ri teachd air an t-sìd, o theas gu fuachd, no o aimsir chiùin gu stoirm. Tha cuid de lusan a’s luibhean agus de bhlàithean a thaisbeanas na h-atharraichean tha ri teachd air an t-sìd. Tha comharraidhean àraid ri fhaicinn air aogas nan speur agus ann an coslas nan neul, leis an tuig daoine fiosrach tha cleachdadh suim a ghabhail de na nithean so, ciod an t-atharrachadh tha ri teachd. Thubhairt sinn gu ’n robh cuid de chreutairean ann aig an robh mothachadh, ged nach ’eil fios againne ciamar, air na h-atharraichean tha teachd air an t-sìd. Chitear coin no madaidhean a tha stigh ann an seòmar, a’ cinntinn trom, cadalach, neo-thogarrach agus leisg ’nuair tha ’n t-uisge dlùth; caidlidh iad ré ’n latha fa chomhair a ghealbhain agus tha e doirbh air uairibh toirt orra éiridh. Tha ’n ni ceudna r’a fhaicinn an giùlan nan cat. Tha ’n deala gu h-àraid mothachail air atharraichean na sìde. Tha i cho math chum eòlas thoirt dhuinn air caochlaidhean na sìde ri gloine shìde. Ma chuirear ann an gloine shoilleir i, as nach faigh i teachd, agus tri cheathramh de ’n ghloine sin làn uisge, a dh’ atharraichear uair ’san t-seachduin ré ’n t-samhraidh, agus da uair ’san t-seachduin ré ’gheamhraidh, leigidh i fhaicinn iomad caochladh tha teachd air an t-sìd. Ann an aimsir chiùin shamhraidh luidhidh i ’na cuairteig ann an iochdar na gloine; ma tha ’n t-uisge ri teachd roimh ’n fheasgar, snàigidh i suas gu uachdar an t-soithich, agus ann an sin fuirichidh i gus am bi ’n t-sìd socraichte; ’nuair tha stoirm no doinionn sìde dlùth, cha teid tàmh oirre ach air a h-ais ’s air a h-aghart, a suas ’s a sìos; is ainmig leatha socrachadh gus an séid e gu cruaidh; ma tha stoirm mhor de thàirneanaich agus de dh’ uisge dlùth, gabhaidh i tàmh latha no dha roimh ’n àm os cionn an uisge, agus tha i a’ taisbeanadh cho mi-shuaimhneach an-shocrach ’sa tha i; an àm reothaidh agus sìde shoilleir, luidhidh i air iochdar an t-soithich, agus ri sneachda no uisge togaidh i oirre gu mullach na gloine. ’Nuair chitear an gobhlan-gaoithe ag itealaich gu h-ìosal, agus a’ siabadh air ais ’s air aghart dlùth do ’n làr, agus a’ tumadh bàrr a sgéithe ’san uisge, faodar amharc air son uisge. ’Nuair nach ’eil na seilleinean no na beachan a dol a mach mar a b’ àbhaist daibh, ’nuair tha tunnagan a’s geòidh a’ deanamh moran gànraich a’s gogail is ràcaich, faodaidh sinn mar an ceudna amharc air son uisge. ’Nuair tha sìde fhliuch dlùth ’s bitheanta le tunnagan a’s geòidh a’s eòin eile bhi ni ’s togarraiche air son iad fhéin a nigheadh agus a thumadh ann an uisge na air amannan eile; ’s bitheanta le calamain agus le cait iad féin a nigheadh ann am bùrn air bith a gheibh iad ’nuair tha uisge dlùth; ’san fhogharadh tha na cuileagan anabarrach sgaiteach roimh ’n uisge. Ma thuiteas dhuinn a bhi mach an déigh sìd thioram ’nuair tha uisge dlùth, faodaidh sinn mothachadh do spréidh a’ sìneadh a mach an amhaichean, agus a deoghal na gaoithe le ’n cuinneinibh fosgailte, agus gu tric a’ cruinneachadh ann an cùil no ’n oisinn achaidh le ’n cùl ris an t-soirbheas. Tha ròcail nan gilleacha-cràigean agus nan losgunn, lionmhorachd nan damhan-alluidh a’ streap ris na ballachan, na daolan ’s na durragan a’ teachd a mach as am frògaibh, ’nan comharraidhean gu bheil an t-uisge dlùth. Ma mhothaicheas sinn losgainn a’ teachd a mach gu lionmhor as an tuill; ma chi sinn an ialtag a’ tighinn a stigh, agus ma chluinnear i a’ bìdeil feadh an t-seòmair; ma mhothaicheas sinn na mucan a ruith le cònlaich na ’m beul; an spréidh ag imlich an casan toisich, agus ma chluinnear na luchaidh ri ùpraid àraid na ’m frògaibh, faodaidh sùil a bhi againn ris an uisge. Tha caoirich a’s gabhair ni ’s togarraiche gu ionaltradh agus ni ’s duilghe ’n toirt uaithe roimh uisge na air amannan eile. Am measg gach comharradh eile, chitear na seangain ni ’s dian shaothairiche a’ giùlan an uibhean; cluinnear an fheannag ’s am fithach a’ ròcail ni ’s àirde roimh ’n uisge na ’s àbhaist daibh. ’S bitheanta leis a’ chomhachaig no a chailleach-oidhche ’bhi gearan ’s a’ glaodhaich ni ’s tùirsiche roimh ’n uisge na àm sam bith eile. ’S abhaist leis an smeòraich òran binn a sheinn gu h-àrd ’s gu fada roimh ’n uisge agus roimh ’n stoirm. Tha comharraidhean àraid mar an ceudna r’a fhaicinn air aogas nan speur leis am faod sinn seòrsa de bheachd a ghabhail roimh laimh air atharraichean na sìde. An déigh aimsir thioram agus sìde shoilleir, ’s e cheud chomharradh am bitheantas air atharrachadh, neòil gheala, thana chitear a’ direadh suas, a’ sior fhàs ni ’s mò agus ni ’s dòmhala, agus a’tearnadh ni ’s ìsle—tha neòil a bha eutrom tana a’ fàs ’nam mill mhora—tha iad so a’ dlùthachadh air a chéile, agus tha so uile ’na chomharrrdh cinnteach air uisg’ agus caochladh sìde. ’Nuair tha na neòil gheala thana sin ’nan dosan agus ’nam badanan eutrom fada, tha iad a’ comharrachadh a mach gaoth làidir a tha ri séideadh as an àirde ris an robh ceann caol nan neul bàna sin ag amharc. ’Nuair tha na neòil air dhath dearg ’san fheasgar, agus glas ’sa mhaduinn, tha e ’na chomharradh air latha tioram, soilleir, ach ’nuair tha ’m feasgar glas ’s a mhaduinn dearg, tha e ’na chomharradh air droch latha fliuch. Chi sinn an Soisgeul Mhata xvi. 2, gu ’n robh so ’na chomharradh aig na h-Iudhaich. Am bitheantas nuair tha neòil a’ dòmhlachadh ’s a tearnadh mu fheasgar tha e ’na chomharradh air uisge. ’Nuair chuireas na beanntan àrd orra ’n curraichdean-oidhche geala, tha ’n t-uisge tighinn; cluinnear fuaim ciùil, fuaim cluig eaglais moran ni ’s faid’ air astar ’nuair tha ’n t-uisge dlùth na air àm sam bith eile. ’Nuair chi sinn na neòil ag atharrachadh coslais gu tric agus gu grad air aogas nan speur, a’ falbh ’s a’ tighinn, ’s còir dhuinn a bhi deanamh deas air son an uisge. ’Nuair chitear roth mu ’n ghréin no mu ’n ghealaich tha e ’m bitheantas ’na chomharradh air uisge no air sneachda—tha ’ghealach gu tric air dhath geal-bhàn roimh uisge, agus dearg-ruadh roimh ghaoith àird. Tha dòruinn agus goirteas air am mothachadh gu tric ann an cnàimh bha leònta no briste, nuair tha uisge dlùth. Tha iomadh comharradh eile air a thoirt duinn le daoine tuigseach a ghabh beachd air na nithean so, ach foghnaidh na chuir sinn sios chum càileiginn eòlais fhaotainn air cuid de na dòigheannan leis an àbhaist leò barail a thoirt air caochlaidhean na sìde.—Tormad Mac Leoid, D. D. ANN an Canada ’n Iar air a’ bhliadhna ’n uiridh, bha tri fichead is ochd muillion buiseal cruithneachd air a bhuain. Ga ’n gabhail thar a chéile thogadh bhar gach acaire deich buiseil fhichead. Tha iadsan aig am bu chòir fios a bhith ag ràdh gu ’m buainear air a’ bhliadhna so ceud muillion buiseal anns an Iar-thuath, agus ann an Canada air fad gu ’n togar dhe gach seòrsa sìl a thatar a’ cur tri cheud muillion buiseal. Tha na daoine ceudna a smaoineachadh gu ’n tig mu cheud mile de luchd-imrich do ’n Iar-thuath as na Stàidean mu ’n teirig an samhradh s’a tighinn, agus mu leth-cheud mile á Breatunn ’s á dùthchannan tìr-mor na h-Eòrpa. Is dùthaich thuathanach Canada. Tha moran de gach seòrsa meatailt am falach fo a talamh, òr is airgiod, gual is iarunn. Tha ’m pailteas dhiu an iomadh cearna, ’s tha àireamh nach beag a’ deanamh an arain làitheil ga ’n cladhach ’s ga ’n toirt gu bhi feumail do ’n chinne-dhaonna. Ach ’s ann as an fhearann a thig fior shaibhreas na dùthcha. Bidh barrachd mor sluaigh na ’n treabhaichean fearainn ’s a bhios ri ceaird sam bith eile, agus mar a shoirbhicheas leothasan soirbhichidh leis an dùthaich gu léir. Ann an deanamh riaghailtean is laghannan air-son math na dùthcha, bu chòir math an tuathanaich a bhi daonnan ’san amharc. Is tric a chluinnear daoine gun tuigse ’deanamh dìmeas air an tuathanach ’s air obair—daoine nach eil iad féin a’ deanamh uiread obrach fad am beatha ’s a chumadh an aran làitheil fad mios riutha—daoine nach eil a’ toirt fa-near cho mor ’s a tha gach fear ceaird eile an eisimeil an tuathanaich: na ’n cuirte [TD 138] [Vol. 11. No. 18. p. 2] stad air a’ chrann-threabhaidh nach b’ fhada mhaireadh slòigh an t-saoghail. Tha na daoine sin lionmhor. Ach iadsan aig am bheil breithneachadh fallain, aidichidh iad gu h-ealamh gur h-i ’n tuathanachas an aon cheaird a’s feumaile ’s a’s uaisle ris ’n do chuir mac an duine riamh a làmh. RIS an tuathanachas cha ’n eil thu ’deanamh do bheòlaint air do cho-chreutair, cha ’n eil thu faotainn t’ earrais le bhi creachadh no deanamh fòirneart air neach eile. Tha do theachd-an-tir a’ tighinn o nàdar. Tha thu ’g ithe t’ arain am fallus do ghnùise fein. Tha do shaothair air a deanamh torach le uisge, gaoth is grian nan speur, nithean nach eil air an àicheadh do neach sam bith, ach a tha sileadh ’s a séideadh ’s a’ dearrsadh do na h-uile. Cha ’n eil cogais an fhir a tha o là gu là a’ gleachd ri nàdar cho buailteach air a bhi fàs maol ’s a tha cogais an fhir a tha gach latha ’gleachd ri cho-chreutair. Mar sin tha na tuathanaich anns gach dùthaich am measg an t-sluaigh a’s onaraiche ’s a’s earbsaiche a tha ri ’m faotainn. Cha chomharradh gliocais air duine bhi deanamh tàire air tuathanachas. ’S FADA ’n ceum a tha Gàidheil na h-Eirinn air toiseach air Gàidheil na h-Alba ann an cumail suas an cainnt dhùthchasaich. Tha iadsan ag obair gu dichiollach, am feadh ’s a tha sinne bruidhinn ’s a’ deanamh òraidean. Tha iad a’ cur a mach leabhraichean is phaipeirean do shean is òg. Tha Irisleabhar na Gaedhilge, leabhar miosail, air a chur a mach ann an uidheam gasda, gun ach gann facal Beurl’ ann, sgeulachdan, eachdraidh is òrain air an deanamh na ’s fior thaitniche le dealbhan is ceòl a bhi na ’n cois. Tha An Claidheamh Soluis air a chur a mach uair ’san t-seachduin, ’s air a lionadh le naidheachdan is sgriobhaidhean eile, a mhor chuid dhiu an Gàilig. Tha bharrachd orra so leabhraichean sgeòil is òrain, leabhraichean-sgoile, leabhraichean-dhealbh do ’n chloinn bhig air an cur a mach ’sa chainnt dhùthchasaich, air chor ’s gu bheil i a’ sior fhàs na ’s measaile aig an t-sluagh uile. Tha so uile a’ nochdadh na dh’ fhaodas daoine dheanamh nuair tha iad a cheart da-rireadh. ACH tha aon ni gu mor am fàbhar na Gàilig Eirionnaich: ceannaichidh an sluagh na paipeirean ’s na leabhraichean nuair thig iad a mach. Cha ’n ionnan sin do na Gàidheil Albannach. “An ceannaich thu ‘Filidh na Coille?’” chaidh fheòrach de dhuine bha ’g amharc air leabhraichean Gàilig an là roimhe. “O cha cheannaich; tha aon dhiu aig nàbaidh dhomh, ’s cha ruig mise leas fhaighinn.” Chaidh a cheist a chur ri fear eile an gabhadh e bliadhna de MHAC-TALLA. “Ghabhadh,” ars esan, “na ’m faighinn e uair ’san t-seachduin.” “An robh thu ga ’ghabhail nuair bhatar ga chur a mach uair ’san t-seachduin?” “Cha robh, ach bha mi ga ’fhaicinn aig feadhainn eile. Tha e cho beag co-dhiu. Seall fhein na paipeirean mora gheibh thu á Montreal ’s á Boston air an aon phrìs ris!” Nach fior an seanfhacal, “Is iomadh leisgeul a th’ aig an earrach air bhi fuar o nach dual dha bhi blàth.” CHA ’n eil rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa ’deanamh air-son stad a chur air fòirneart na Tuirce ann am Macedonia ach a’ toirt chomhairlean air an t-Sultan. Agus o ’n tha fhios aig an t-slaightire sin nach dàna leotha dhol ga ’éigneachadh air eagal aimhreit a thogail eatorra féin, cha chuir an cuid chomhairlean iomguin sam bith air. “Comhairle gun a h-iarraidh cha d’ fhuair i riamh am meas bu chòir dhi.” THA fear De Armond, á Missouri, aig am bheil àite-suidhe am pàrlamaid nan Staidean, a’ cur roimhe feuchainn ri chur mar fhiachaibh air an Riaghladair Roosevelt fhaighinn a mach o Bhreatuinn ciod a phrìs a bhiodh i ’g iarraidh air Canada. Mur bi i toileach Canada a reic gu h-iomlan, bidh De Armond riaraichte le pàirt dhi. Tha na Stàidean fhein a’ fàs ro bheag air-son an t-sluaigh a chòmhnaidh innte, agus tha esan a’ meas gur h-e ’n aon dòigh a’s fhearr d’a dhùthaich air a criochan a mheudachadh seilbh fhaotainn air Canada. Tha e doirbh a radh ciod a tha cearr air fear na bòilich so, dìth na céille no dearg aineolas. Tha fathunn a’ dol mu’n cuairt gu bheil Morair Minto ’dol a dh’ fhagail Chanada deireadh an fhoghair s’a tighinn ged nach eil ùine suas gu bliadhna ’n deigh sin. Tha ’m fathunn ceudna ’g radh gu bheil dreuchd na h-àrd-riaghladaireachd ri bhi air a thoirt do ’n Mhorair Stanley, mac do’n mhorair de’n ainm cheudna bha na àrd-riaghladair air Canada roimhe. Faodar a radh nach eil Morair Minto cho measail ’sa bha mhor chuid dhiusan a lion an dreuchd roimhe. Bha e daonnan a’ nochdadh beag suim de bharailean ’s de chleachdaidhean an t-sluaigh, ach a’ deanamh sin a chitheadh e-fein iomchuidh. Air an t-seachdain s’a chaidh chaochail Aeneas Camaran a bha o chionn fhichead bliadhna na cheann air àrd-sgoil baile Yarmouth, N. S. Fhuaireadh marbh e ann an leabhragan na sgoile. Bha e mu leth-cheud bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann am Pictou. Bha e aon uair a’ cumail sgoile ann an Sidni, agus o chionn àireamh bliadhnachan bha e air a mheas mar aon de’n luchd-teagaisg a b’ fhearr a bha ’n Nobha Scotia. Bha teine millteach ann am baile Halifacs feasgar Di-sathuirne s’a chaidh. Thòisich e ann an togalach Mhoir, am fuineadair, beagan an deigh sia uairean, agus a bharrachd air an togalach sin bha dha no tri eile air a losgadh. Tha an call air a mheas eadar a dha is tri cheud mile dolair. Tha Mr. Chamberlain an deigh a chuairt do Africa mu dheas a thoirt gu crìch, ’s tha e nis air a thurus dhachaidh. Cha ’n eil e gle dhòchasach a thaobh aonaidh an da shluaigh anns an duthaich sin. Tha e ’g radh gu bheil naimhdeas mor eatorra, nach teirig fhad ’s a bhios ginealach an latha ’n diugh beò. Chaidh duin’ òg, Iain Merrit, a mharbhadh am méinn ghuail Phort Hood air an 21mh latha dhe ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha e air a bhualadh le sreath de chàraichean a chaidh bhar an rathaid air an robh iad a ruith. B’ aon mhac bantraich e, ’s cha robh fear-cuideachaidh aice ach e-fein. Bha e fo dheagh chliù agus measail aig na h-uile. Thatar ag radh gu’n do thairg Andra Carnegie tri cheud ’s tri fichead mile dolair ($360,000) do Bhenesuela air-son an ainbheach a bh’ aig Breatunn oirre a phàidheadh. Cha’n fhacas iomchuidh an tairgse ghabhail: cha ’n eil feum air aig an àm so. Ann am aon de na Staidean, Delaware, tha lagh ùr air a dheanamh a’ cur sgiùrsaidh mar pheanas air duine bheir seachad no ghabhas brìb Tha sin air a dheanamh a chionn gu bheilear a meas gur h-iad luchd nam brìb naimhdean a’s miosa tha aig an duthaich. Tha cléireach Frangach a bha ’g obair fo ’n àrd-riaghladh an Ottawa anns a’ phriosan air amharus gu’n do ghoid e tri fichead is deich mile dolair dhe ’n airgiod a bha e laimhseachadh. An Righ agus a’ Ghaidhlig. Cha ’n ’eil fios aig mòran dhaoine gun tug an Rìgh, ’nuair a bha e ’n a ghille òg, greis air ionnsachadh na Gàidhlig. B’ e an t-oid’-oilean a bh’ aige Mr Dòmhnull Mac Phàidean nach maireann, a rugadh agus a thogadh ann an Aird ghobhar, agus a bha, a rithisd, ’n a mhinisteir sgìreachd ann an Lagan. ’S e deagh sgoilear Gàidhlig a bh’ ann am Mr Mac Phàidean, mar a tha fios againn bho leabhraichean beaga, snasail a chur e a’ mach. A thaobh ciamar a thàinig am Prionnsa—’chionn gun teagamh ’s e sin a bh’ ann ’san àm—air aghaidh leis an t-seann chànain cha ’n ’eil foirbhis chinnteach sam bith againn. Tha naigheachd éibhinn air a h-ìnnseadh mu dhéighinn mar a chuir e fhéin agus Mac Phàidean a’ mach air a chéile aon latha gu dubh, dona. Dh’ éirich connsachadh beag air chor-éiginn eatorra, agus dh’ fhalbh am Prionnsa agus thoisich e air teubaidean a thoirt air an fhear eile—teubaidean a bha toirt tàir dha mar Ghàidheal. Bha fuil uaibhreach iomadh laoch treubach a’ ruith gu bras ann an cuislean Mhic Phàidean, agus cha ’n fhuilingeadh e eadhoin do oighre dligheach a’ Chrùin cainnt a bha deanamh dì-meas air an tìr ’g am buineadh e no air an t-sluagh chòir, cheanalta a bha ’n còmhnuidh innte. Thog e a làmh agus bhuail e am Prionnsa le buille glé throm ann an clàr an aodainn. Chuala a’ Bhàn-righinn gu grad mar a thachair, agus chaidh an dà òganach a thoirt air a beulthaobh. Dh’ fhiosraich i gu geur timchioll air an iorghuill, agus rinn i ’mach gur ’h-ann aig a mac fhéin a bha a’ choire. Thuirt i ris a’ Ghàidheal nach robh iongantas idir oirre air son mar a rinn e, agus chronaich i gu searbh am Prionnsa ’chionn a leithid de dhroch nàdur a nochdadh ’s gun glaoidheadh e ainmean mì-mhodhail ri duine sam bith.—An t-Obanach. Di-luain s’a chaidh, sheas mu thri ceud Eadailteach aig an obair-iaruinn a mach o’n obair. Chaidh àireamh dhiu a gheard nan geatachan a chumail fheadhain eile o dhol a dh’ obair, agus nuair chuireadh maoir a’ bhaile g’ am bacail thòisich iad ri cur na’n aghaidh. An ùine ghoirid co-dhiu, thug iad géill, agus uaithe sin thugadh bàirlinn dhaibh an obair agus taighean na cuideachd fhàgail. Bha na h-Eadailtich ag radh gu’n robhas ag ìsleachadh an tuarasdail, ni a tha ceannardan na cuideachd ag àicheadh. Bha stoirm mhor air gach taobh dhe ’n chuan Atlantach Di-sathairne s’a chaidh. Bha moran shoithichean air an tilgeadh air tir anns na h-Eileinean Breatunnach, ’s bha call mor air a dheanamh. Air an taobh so ged bha ’n stoirm na b’ aotruime na bha i thall, bha i trom gu leor. Ann an Sidni Tuath bha ceidhe cuideachd an iaruinn air a chur na spealgan. Chosd an ceidhe so fichead mile dolair, agus cuiridh a bhi as aonais call mor air a chuideachd. Tha sgeul air innse air duine shuidh uair aig bruaich aibhne ag radh ris fein:—“Ma leanas an t-uisge air ruith mar so cha’n fhada gus an traoigh an abhainn ’s theid agam air coiseachd thairis air mo chasan tiorma.” Ach an deigh dha feitheamh moran laithean, bha ’n abhainn cho domhain ’s cho bras ’s a bha i nuair thainig e ga h-ionnsaidh an toiseach. Cha bhi e ’m feasda na ’s fhurasda ceum ceart a ghabhail na tha e aig an àm a tha làthair. Aig bruach aibhne ann an Eirinn tha clach mhor air am bheil an sgriobhadh a leanas mar rabhadh do mhuinntir a bhios a’ gabhail an rathaid:—“Nuair bhios a’ chlach so á sealladh, cha bhi e sàbhailte feuchainn ris an abhainn a ghrunnachadh.” Tha ’n litir-ghaoil a’s sine th’ air an t-saoghal ri faicin anns an Tigh-neònachais Bhreatunnach (British Museum,) litir a chaidh a sgriobhadh o chionn tri mile ’s coig ceud bliadhna ag iarraidh Ban-phrionnsa Eiphiteach ri pòsadh. Tha ’n litir air a sgriobhadh air claich-chreadha. [TD 139] [Vol. 11. No. 18. p. 3] A’ GHAIDHLIG. RINN mi iomradh ann an litir a sgriobh mi cheana air an Ollamh eireachdail, ghasda, Tormoid Mac Leòid, agus air na gniomharan agus na h-euchdan a rinn e le dealas mor agus le buaidhean neartmhor inntinn air sgàth nan Gàidheal agus na Gàidhlig. Cha ’n ’eil an diugh ann an cearna air bith de ’n t-saoghal Gàidheal, ma tha eòlas aige air eachdraidh agus air dìlsead Mhic Leòid, nach ’eil measail air Tormoid Mac Leòid, agus nach ’eil taingeil airson gach oidheirp a rinn e le gaisge mhor agus iongantach os leth nan Gàidheal agus an Cànain. Tha na seana Ghàidheil aig an tigh agus thairis min-eòlach air Leabhar nan Cnoc. Tha Tormoid Mac Leòid a’ sgriobhadh air an dòigh so: “O chionn shè bliadhna, dh’ ullaich mi Comh-chruinneachadh Gàidhealach, air iarrtas Comuinn Ard-Sheanaidh Eaglais na h-Alba, airson nan Sgoilean a shuidhich iad air feadh na Gàidhealtachd. Thaitinn an leabhar beag sin ri m’ luchd-dùthcha. Ghabh e reic co ealamh ’s nach ’eil a h-aon deth a nis r’a fhaotainn. Dh’ fhiosraich mi gu robh déigh mhòr aca air an leabhar sin, no air leabhar eile de ’n t-seòrsa; agus chum an t-iarrtas so a choinneachadh, dh’ ullaich mi an leabhar ùr so. Air an àm, tha dòchas againn mar a shuidheas fear-cuairteachaidh nam beann, buachaille nan caorach, no banarach a’ chruidh, ann am fasgadh an tuim, ri cùl gaoithe ’s ri eudann gréine, gum faigh iad càileiginn de thoileachas-inntinn agus de leas o Leabhar nan Cnoc.” Nochd an t-Ollamh Mac Leòid gliocas agus dichioll sònruichte ann an uidheamachadh Leabhar nan Cnoc. Fhuair e còmhnadh bho sgoilearan Gàidhlig eile, ’s shoirbhich leis anns an leabhar a chur an òrdugh a bha ’na bheannachadh prìseil do na Gàidheil a bhuineadh do ’n ghinealach a chaidh seachad, agus a tha ’na bheannachadh mor do na Gàidheil a tha ’nis a làthair thall no bhos air feadh an t-saoghail gu léir. Dh’ fhàs Leabhar nan Cnoc a nis fuasach gann. Bha e fior-dhuilich àireamh de ’n Leabhar ùr-labhrach so fhaicinn no fhaotainn, gus an deach a chur an clò as ùr o chionn choig bliadhna. Tha Leabhar nan Cnoc làn de leughadh grinn, bòidheach, ceanalta, ’s de smuaintean àrda, glic, geamhnuidh agus diadhaidh. Anns gach ni a sgriobh an t-Ollamh Mac Leòid riamh, bha e dìleas do gach ni ’tha ceart, ’us freagarrach ’us suairc ’us measarra, ’s air taobh maith ’us sonais ’us gach deadh bheus ’us gnàthachaidh. Is ann an 1829 a thàinig a’ cheud àireamh de ’n Teachdaire Ghàidhealach a mach. Bha cùram sgìreachd mhor air an Ollamh Mac Leòid aig an àm so. Gidheadh, ghabh e ùine maille ri ministeirean Gàidhealach ealanta eile air an Teachdaire Ghàidhealach a chur ann an uidheam agus a chur a mach airson maith mor a dheanamh agus fiosrachadh farsuing, fial, feumail a thabhairt do na Gàidheil. Air beachdan ’s àbhaistean gach inbhe àrd ’us iosal, bochd ’us beartach, eolach ’us aineolach am measg nan Gàidheal, bha ’n Ollamh Mac Leòid min-eolach agus fiosrach. Tha e ’g ràdh anns a’ cheud àireamh “gu bheil an leabhar ùr so, an Teachdaire Gàidhealach, a nis air a chur a mach, cha ’n ann fo ainm no fo sgéith moraire no àrd-thriath dùthcha, ach fo thearmunn agus cùl-taic gach fior Ghàidheil, anns gach cearna de ’n t-saoghal anns am faighear iad.” ’Nuair a ràinig an Teachdaire a’ Ghàidhealtachd air tùs bha moran connsachaidh am measg nan Gàidheal mu ’dheibhinn. Tha Eoghan Brocair ag radh: “Ciod e nach tig á Glascho. Is ann orra tha ’m bàinidh mu ’n Ghàidhealtachd an tràsa, le càirdeas m’ an sgoilean ’s m’ an leughadh. Agus ma ’s aithne dhuit co iad, leig fios d’ an ionnsuidh, ma thòisicheas iad air smàdadh Thearlaich ’s na dh’ éirich leis, nach ruig iad leas tighinn an taobh so le ’n teachdaireachd.” An deigh do ’n Bhrocair eòlas fhaotainn mu ’n Teachdaire thubhairt e: “Gabhaidh mi e le m’ uile chridhe, ’s is e dùrachd m’ anama gu ’n soirbhicheadh leò-san a tha ’g a chur a mach.” Cha robh riamh anns a’ Ghàidhealtachd Ministeir eile ’bha co comasach agus co dichiollach agus co dùrachdach ris an Ollamh Mac Leòid. Thachair e air àm éiginn ris an Ridire Raibeart Peel, an duin’-uasal eireachdail, agus thubhairt an duine foghainteach so nach do thachair riamh air neach a bu mhodha gliocais ’us àilleachd na ’n Ollamh Mac Leòid. Bha atharrachadh mor a tighinn air àbhaistean Bhreatuinn am feadh a bha ’n Teachdaire Gàidhealach a’ falbh air feadh nam beann ’us nan srathan agus na còmhnardan anns a’ Ghàidhealtachd. Is maith a fhuaradh Mac Leòid ann an eòlas a thabhairt seachad mu na beannachdan mora ’bha gu cinnteach a’ leantuinn bho na laghannan ùra ’thainig a mach. Thainig prìs nan litrichean a nuas, agus bha gach neach toilichte gu d’ thainig a leithid so mu ’n cuairt. Tha Calum Posta a’ gearain gu cruaidh, goirt gu bheil ultach trom aige r’a ghiùlan a nis. “Miss Christiana Mac O’ Shenag, Old Wife’s Point, Mull. Ubh! ubh! ubh! co i so? Rudha na Caillich! Old Wife’s Point. Mo chreach, mo chreach! C’àit’ an stad so? Cuiridh mi geall gur e bodach na brigise cainbe ’bha ’g iasgach nan crùban ’s nan giomach airson an t-Sasunnaich mhòir ’s a’ Chaisteal, a dh’ fhàg a chléibh ’s a lìn ann an tigh Chairistìona.” Tha Calum Posta fuasach measail air a’ Bhàn-righ, agus air an aobhar sin, tha e iomaguineach mu ’deibhinn: “Ma tha ’h-uile comhairl’ eile ’tha iad a’ toirt do ’n Bhàn-righinn cosmhuil rithe so, cha seas ise no iadsan fada; bithidh iad cho briste ri long mhòr an iaruinn, no ri marsant’ a’ ghuirmein.” Bha na Gàidheil ann an làithean an Teachdaire Ghàidhealaich, mar a tha iad ann an làithean MHIC-TALLA an diugh, anabarrach cùramach air an airgiod, agus mar so bha trioblaid mhor ann a bhi ’pàigheadh gach cunntais airson clo-bhualadh an Teachdaire. Cha robh na Gàidheil bhiogarra, bhochd tearc anns na làithean ud, a bha deònach air làn soithich smùide de chomhairlean truagha ’thoirt seachad, ged nach tugadh iad aon sgilinn Shasunnach a phàigheadh airson an Teachdaire. Rainig an Teachdaire an dara bliadhna de ’bheatha, do bhrìgh gu robh an t-Ollamh gaisgeil Mac Leòid agus na Gàidheil bhlàth-chridheach, urramach a rinn còmhnadh leis, foghainteach agus iarrtuiseach air math mor a dheanamh do na Gàidheil aig an tigh agus thairis. Thainig crìoch, mo thruaighe, air treoir ’us faoilidheachd an Teachdaire Ghàidhealaich. Tha Tormoid a’ sgriobhadh air an dòigh so: “Ged tha ’n t-seann bhìrlinn air a tarruing gu tìr car tamuill, is ann chum a calcadh, tha dòchas agam, ’s cha ’n ann chum a toirt as a chéile. Cha bhi i fada dol ’na h-uidheam. Cha mhò ’bhios dìth lamhan chum a cur gu sàile an latha ’thuigear gu ’m bi feum oirre.” Cha tàinig an Teachdaire Gàidhealach gu bràth tuille ’mach fo thearmunn a’ Ghàidheil urramaich, eudmhoir, uasail, neo-fhéineil, àrd-inntinneach, Tormoid Mac Leòid, Caraid nan Gàidheal,—an t-ainm taingeil, bòidheach, onorach a tha Gàidheil thall ’s a bhos, ann an tìrean céin ’us dlùth-laimh, a nis le cridheachan togarrach, teòma, tlàth, a’ buileachadh air. CONA. Is ann fhad ’s a bhios an t-slat maoth is fhasa ’lùbadh. TURUS DO ’N EADAILTE AN 1874. II. BHO mhullach a’ bhealach, far an d’ rinn sinn tamh an la roimhe, gu ’bhonn air taobh na h-Eadailte, cha robh sinn ach goirid ris an tearnadh an coimeas ris an dìreadh. Ma bha ’n sealladh breagha air an dìreadh, cha ’n ann ’s an téarnadh bu mhios’ e. Tha ’n t-àite is iongantaiche de ’n t-slighe uile air an taobh Eadailteach, far am bheil an rathad a’ dol, fad dà mhìle, eadar chreagan, a’ ruigheachd bho 1500 gu 2000 troidh air àirde, agus cho dlùth air a chéile ’s gu ’n saoil thu h-uile tiotan gu ’m beil iad a’ brath coinneachadh, agus an rathad a dhùnadh. Is e ainm an àite so Bealach Ghondo. Beagan na ’s fhaide air aghart, tha na creagan, ’s na beanntan, ’s an sneachd, air am fàgail air chùl, ’s cha ’n ’eil feum air leabhar-iùil a dh-innse dhut gu ’m beil thu ann an tìr ùir, cho eadar-dhealaichte bho ’n duthaich a dh’ fhàg thu ’s a mhaduinn, ’s a tha Tuath a’s Deas. Tha thu nis an tìr na gréine, tìr na maise agus a’ chiùil, sean dachaidh fir-riaghlaidh an domhain, màthair Chésair mhóir a’s Bhirgill mhilis, Dhante òirdheirc a’s Raphaeil gun choimeas, Cholumbuis éuchdaich a’s Ghalileo nan rionnag; tìr a rug, ’n ar làithean fhein Cabhùr foghainteach, Madsini, am fear deireannach de na Romanaich, agus esan tha fhathast a làthair, fear nan gnìomh, gun char, gun ghò, sàr ghaisgeach nam buadh,—Garibaldi! Cha ’n ìoghnadh Eadailteach uaill a dheanamh ann an dùthaich a tha comasach fhathast air a leithid de fhir a ghintinn a’s àrach. Cha b’ ioghnadh e ghleachd, eadhon gu bàs, air son a saoirsinn, agus iolach aoibhneis a thogail an là a dh’ éirich i ’n a neart ’s a bhris i cuibhreach a luchd-sàrachaidh! Ach, mo thruaighe! ’s math a thig dha an osnadh throm air son nan ioma olc ’tha fhathast a’ creachadh a dhùthcha àluinn, ’s a’ lionadh a càirdean le amharus a’s eagal. An ceud sealladh a fhuair mi air an raon fharsuing, tharbhach, bha ’n a laidhe shìos bhuainn, air a chuairteachadh le beanntan àghmhor, air ’uisgeachadh le aimhnichean lionmhor, ’n a làn chulaidh le fionain a’s crainn-ola, ag gàireachdaich ’s a’ ghréin le tighean ’s le bailtean bòidheach, chunna mi nach robh guth bréige anns na leugh ’s anns na chuala mi mu àilleachd na h-Eadailte. Ann an aon ni chaidh an fhirinn os cionn mo smaointean. Bha fhios agam gu ’n robh beanntan a’s cnuic ’s an Eadailt, bho cheann gu ceann, ach cha robh dùil agam gu ’n robh iad cho lìonmhor agus cho follaiseach bho ’n a h-uile cèarna de ’n tìr. Is airidh i air “tìr nam beann” mar ainm a cheart cho fìrinneach ri “tìr nam speur gorm.” Air son soilleireachd a’s truimead nan dath anns an iarmailt, agus air aghaidh na mara, feumar am faicinn gu ’n creidsinn. Ach a dh-aindeoin sin, gus an fhìrinn aideachadh, breagha ’s ge bheil speuran gorma na h-Eadailte, bha ionndrain nach bu bheag agam, agus sin gu tric, air neòil sgiamhach fhionnar, ’s air ceathach glas drùighteach ar tire gaolaich ceòthaich fhein. Thuinich sinn dà latha ann am Milan, an treas baile ’s mò ’s an Eadailte. De sheallaidhean a’ bhaile so, ’s e an t-ioghnadh is mo an Ard-eaglais no a’ Chathair-Easbuig. Cha ’n ’eil a leithid air an t saoghal. Tha i air a togail gu h-uile de mharmor geal, air a shnaidheadh air dhòigh cho snasmhor, grinn, ’s gur h-ann a chuireas e ’n cuimhne do dhuine, na h-oibrichean iongantach de dhéud-chnaimh a chitear a’ tighinn á China. Ceithir thimchioll nam ballaichean, bho bhonn gu mullach, tha leithid de lìonmhoireachd ìomhaighean air an snaidheadh mar an ceudna de mharmor, ’s gu ’m foghnadh iad, mar a thuirt fear [TD 140] [Vol. 11. No. 18. p. 4] roimhe so, air son luchd àiteachaidh do bhaile cuimseach, na ’n tigeadh iad beo cearta còmhluath. Tha iad ag ràdh gu ’m beil 4500 dhiubh ann mar thà, ’s thathas a h-uile bliadhna ’cur feadhnach ùra ris an àireamh. Ach a dh-aindeoin an lìonmhoiread, tha ’n t-aitreamh cho mor, agus a h-uile roinn d’e cho cuimir, ’s gur gann a chreideas tu gu ’m bheil urad ann diubh. Bho mhullach na h-eaglais, a rithist, chi thu ’g eirigh, mar gu ’m b’ eadh coille de bhinneinean ’s de spiricean dealrach, maiseach, agus air bàrr gach binnein, ìomhaigh, uile dé ’n aon chloich ghil, eireachdail. An uair a theid thu stigh air dorus an teampuill ghreadhnaich so, tha e mar dhol thairis gu saoghal eile, bho sholus ’s bho ghleadhraich na sràide gu samhchair is dubhar an fheasgair. Ge b’ i Eaglais do ’m buin thu, cha ’n urrainn nach fhairich thu, ’s tu ’coimhead troimh na sreathan fad’ ud de charraighean arda, dh’ ionnsaidh nan uinneag de ghloine-dhathte, troimh am beil an solus a’ téarnadh gu sèamh air an àrd-altair, “Cia uamhasach an t-ionad so!” Cha ’n ’eil ùine agam air a bheag tuilleadh innse mu chulaidh-ioghnaidh na h-eaglaise so, ach cha ’n urrainn domh ’s an dol seachad, gun ainmeachadh air an dà charragh de mharmor dearg a th’ air gach taobh de ’n dorus mhor, mar a theid thu stigh. Thathas ag radh gur h-iad sin na clachan-snaidhte is mò a th’ air aghaidh an talmhainn. Tha iad 80 troidh air àirde ’s gach te dhiubh de ’n aon chloich shlàin. Tha sealladh eile anns a’ bhaile so a tha ro ainmeil, dealbh na Suipeir-Deireannaich, air a tharrainn air balla seòmair ’s am b’ àbhaist do mhanaich a bhi gabhail am bìdh. Tha còrr a’s trì cheud bliadhna bho ’n a rinneadh an obair urramach so leis an dealbhadair chliùiteach Leonardo da Vinci. Tha e air a mhilleadh gu dona le àitidheachd an t-seòmair, trid dearmad maslach na feadhnach do ’m bu chòir a ghleidheadh mar ubhal an sùla; ach tha làthair fhathast na tha dearbhadh nach mearachd an t-urram a fhuair e bho chionn fhada mar aon de phriomh oibre ealaidh an t-saoghail. Air mo shon fhein d’e, cha ’n fhaca mi dealbh fhathast a dhùisg a leithid de smaointean annam. A measg mòran de sheallaidhean comharraichte anns a’ bhaile so, cha ’n fhaod mi gun aithris air a h-aon eile, agus ’s e sin a h-aon de na sgrìobhaidhean Gàilig is sine th’ air bhrath, a chaidh a sgrìobhadh ceudan de bhliadhnaichean mu ’n robh a’ Bheurla air a breith! Tha ’n leabhar prìseil anns an d’ fhuaradh an sgrìobhadh so, anns an Leabhar-lann a tha ainmichte air Naomh Ambros, a bha ’n a easbuig bho shean ann am Milan. A réir barail dhaoin’ eòlaich, rinneadh an sgrìobhadh le Columban, fear de dheisciobuil Chaluim-chille, agus le sin tha e còrr a’s dà-cheud-deug bliadhna dh’ aois. A dh-aindeoin sin, agus mar dhearbhadh air cho beag ’s a thàinig de atharrachadh air cainnt ar sinnsear re ùine cho fada, rinn mi fhein a mach beagan fhocal de’n t-seann sgrìobhadh ud, agus thug e faireachadh neònach dhomh, mar gu ’m bithinn ag cluinntinn guth an duine urramaich a sgrìobh iad, a’ tighinn gu m’ ionnsaidh thair aigeal an dà-cheud-deug bliadhna! Bha mi dà latha eile ann am Florens, am baile ’s breagha chunnaic mi fhathast ach Dunéideann caomh. Mar thubhairt muinntir Steòrnabhaigh mu ’m baile fhein, cha b’ iongantach an righ fhein a thighinn a ghabhail comhnuidh ann! Tha fios gu’n d’ thainig righ na h-Eadailte a ghabhail comhnuidh ann am Florens, agus gur h-ann a bha chaithir-rioghail, gus ’na ghluaiseadh i gu ruig an Roimh. Chunnaic mi nise le chéile iad, agus ’s éudar dhomh aideachadh gur h-e Florens is annsa leam na an Ròimh, air son seallaidh agus taitnis. A leithid de shealladh de dh-aitreibh ghreadhnach, agus de dhealbhannan luachmhor ’s a th’ anns a’ bhaile ud, cha ’n fhaca mi riamh. Tha dà luthchairt mhor ann, faisg air a cheile, am palazzo degli Uffizi agus palazzo pitti, cho làn ’s a ghabhas iad de dhealbhan ’s de ìomhaighean a tha do-labhairt ann an luach. Is math an obair-latha dol gu h-aidheiseach bho sheomar gu seòmar de ’n da lùthchairt ud, gun mhòran ùine chaitheamh anns gach seòmar. Gun tighinn air na dealbhan, ’s cha’n ’eil an leithid, araon ’an àireamh agus ’an luach, ’an aitreibh eile air an t-saoghal, mur h-’eil an Dresden, cha bheag an sealladh na bùird (ma ’s a ceart an t-ainm) a th’ anns a h-uile seòmar a th’ ann, air an deanamh de chlachan buadhach, air air t-seòl oibre ris an canar mosaic. Tha dealbhan dhaoine, a’s ainmhidhean, a’s lusan, ’s gach seòrsa ni, air an deanamh le mirean de chlachan priseil de gach dath, geal a’s dubh, dearg a’s gorm, buidh a’s uaine, air an cur ri chéile air dhòigh cho snasail ’s gu’n saoileadh tu nach ’eil ann ach an t-aon chlàr, ged is dòcha gu’m bheil miltean de bhloighean beaga air an cur mar sud ri ’chéile. Tha ’n obair so cho saoithreachail ’s gu ’bheil buird ann de ’n t-seòrsa so air an robh daoine ’g obair fad am beatha. ’S fhurasda smaoineachadh, ’d e luach a leithid sin de bhòrd. Is aithne dhomh fhein duin’ uasal aig am bheil fear dhiubh air an d’ thug e 1500 Punnd Sasunnach. Ach tha mi ’creidsinn gu bheil buird anns na luthchairtean Florentach ud is fhiach a shia urad sin. Cha ’n urrainn dhomh, a measg nan iomadh oibre ealantais ainmeil a tha ’n sud, oidheirp a dheanamh air a chuid is lugha dhiubh ainmeachadh. Cha ’n ’eil an àite air bith eile urad de na dealbhan is taghta le Raphael, agus ’s gann is urrainn do neach ’breith cheart a thabhairt air cumhachd iongantach an duine ud gun am faicinn. Ach tha aon chuspair ioghnaidh a measg chàich a dh’ fhéumar ainmeachadh, agus ’s e sin an iomhaigh iomraiteach dh’ an ainm a Venus de Medici. ’S fhad o chuala ’s a leugh mi gu ’m b’e sud an obair is foirfe de ’n t-seorsa ’chunncas riamh. Bha eagal orm nach coimhlionadh an sealladh mo dhuil, ach cha robh mi air mo mhealladh. Cha ’n ’eil e ’n comas inntinn duine cruth a smaoineachadh na ’s àille, anns a h-uile ball, na ’n iomhaigh ud. Tha suidheachadh a bhaile so air leth taitneach, aig ceann srath thoraich, còmhdaichte le fion-liosan, crainn-olaidh, agus iomadh seòrsa eile de chraobhan is de lusan bòidheach nach aithne dhuinn ach bho leabhraichean. Air an taobh tuath, a’ sineadh gu h-iar a’s ear, tha cnuic bhòidheach, a’s beanntan air an cùl cho garbh ’s cho lom ’s a tha ’n Alba fhéin; agus troimh an bhaile, air feadh an t-srath, tha amhainn bhreagh an Arno a’ siubhal gu sèimh. Air gach cnoc a’s bruaich timchioll a’ bhaile tha tighean eireachdail, a’s ge b’ e cearn a sheallas tu, cha ’n fhaic thu ach maise ’s taitneas. A measg nan sean aitreamh ainmeil tha tùr Ghalileo fhathasd a suas, anns am b’ àbhaist do ’n reuladair mhòr an oidhche chur seachad, ag coimhead na gealaich agus nan rionnag. Thachair gu fortanach dhomh fhéin ’s do m’ chompanach-siubhail gu ’n robh againn mar fhear-iùil an t-aon duine bu toigh leinn ’s an Eadailte, fear a mhuinntir na dùthcha, air an robh sinn fada mion-eòlach an Dùneideann, far ’na chuir e seachad fichead bliadhna. Thainig an duine càirdeil sin, Dr. Lemmi, astar-latha g’ ar coinneachadh, bho ’n àite far an robh e fhéin ’s a theaghlach a’ fuireach aig an àm, ri taobh na mara, mu 12 mhile deas bho Libhorno: agus ged a bha a thigh ann am Florens dùinte, b’ éudar fhosgladh agus sinn a chur suas ann fad an dà latha ’s oidhche bha sinn ’s a’ bhaile. Tha ’n dùthaich ainmeil air son pailteas a’s grinneas an anairt, agus fhuair mi dearbhadh air sin a cheud oidhche ’luidh mi ’an tigh mo charaid, dearbhadh, aig an aon àm, air uaisleachd nan daoine. Bha aodach-oidhche an tighe uile air a chur seachad, agus o’n a bha ’n aimsir gle bhlàth, bha sinn uile làn-thoilicht’ an oidhche ’chuir seachad gun chòmhdach ach am brat-leapa. Ach ’n uair a chual a’ bhean-uasal chòir aig bonn na staidhreach, dh’ am buineadh an tigh, (tigh dhe ’n t-seòrsa tha lionmhor an Dùneideann, anns am beil iomadh lobhta, le staidhir chumanta) cia mar a bha, chur i suas pailteas de ’n a h-uile anart a bha dhith. ’S e bh’ ann, ’n uair a chaidh mi ’luidhe fhuair mi braithean-lin air mo leabaidh cho grinn, gun ghuth bréige, ri neapaigin pòca mna-uaisle, agus, gus an coltas a dheanamh na bu riochdaile, air an gréiseadh anns gach beannaig le obair-shnàthaid eireachdail. ’S ann a bha seòrsa nàire orm mo chlosach mhòr mhi-loinneil a chàradh ann an leithid de ghrinneas, a dh’ fhoghnadh do bhan-phrionnsa air oidhch’ a bainnse! Còmhla ri m’ dheadh charaid, chaidh mi á Florens gu ruig an t-àite dh’ ainmich mi, gu la no dha ’chur seachad ’an comunn a theaghlaich cheanalta. Chunna sinn anns an dol seachad sealladh de ’n ioghnadh ainmeil ud, Tùr Crom Phisa, a tha ’tighinn 14 troidhean thar a ghruaim, ach a sheas a dh-aindeoin sin, còrr a’s 700 bliadhna. Tha suidheachadh baile Phisa gle thaitneach, air bruachan an Arno, agus uaithe tha sealladh breagha de bheanntan Charràra, mu 30 mile air falbh ’s an airde tuath. Eadar Pisa agus Libhorno fhuair mi ’cheud sealladh de ’n Mhuir Mheadhon-thireach. Ged nach robh mi ach ceithir-la-deug gun sàl fhaicinn, rinn mo chridhe léum ris an t-sealladh, ’s chuir mi fàilt oirre mar rinn an deich mile Gréugach bho shean. Cha ’n ’eil àicheadh air gu bheil dath na mara ud na’s doimhne ’s na’s soilleire na tha ri fhaicinn ni ’s fhaide tuath, agus a réir coltais, a bharrachd air soilleireachd anabarrach na h-iarmailt, tha nadur an uisge fhéin ’n a aohbar dha so, oir tha e mòran ni ’s treasa agus ni ’s saillte na sàl a’ chuain. Aig Libhorno (ris an canar gu leibideach ’s a’ Bheurla Leghorn) dh’ fhàg sinn an rathad-iaruinn, agus choinnich gille sinn le carbad éutrom ceithir-chuibhleach, air a tharruing le gearran donn easgaidh, a ghiulain gu h-aigeannach sinn gu crioch ar turuis. Bha an rathad fad an t-siubhail os ceann a’ chladaich, le sealladh breagh a dh’ ionnsuidh na mara, agus nan eileanan gu h-iar a’s deas,—Gorgona, Copraia, Corsica, Sardinia, agus Elba. Cha robh de loingeas ri fhaicinn ach bàtaichean iasgaich, ag itealaich a null ’s a nall, le ’n dà sheol àrd, coltach ri sgiathan eoin. Tha cabhlach dhiu a’ seòladh á Libhorno a h-uile maduinn ’n uair a fhreagras an t-side (cha ’n ’eil iad ro mhisneachail air muir) air tòir an éisg do ’n ainm Beurla mullet, seòrsa do ’m buin an carbhanach againn fhein. ’S e ’n dòigh iasgaich a th’ aca, lion fada a shlaodadh eadar da bhàta, ’seòladh leis a’ ghaoith. Bha ’m feasgar a’ tuiteam ’n uair a ràinig sinn tigh mo charaid, ’s a choinnich sinn aig an dorus a dhithis ghillean tapaidh, calma, leth-Albannach, ’s a chéile thlachdmhor, thuigseach, de shliochd fhial Chlann Domhnuill. Mur d’ fhuair mise mo bheatha ’s an fhardaich ud, agus deagh dhiol, ’s eudar gur th’ ann an aisling a thug mi céilidh do m’ charaid Lemmi! ALASDAIR MAC NEACAIL. Thoir an tarbh do ’n taigh mhor, is iarraidh e do ’n bhàthaich. [TD 141] [Vol. 11. No. 18. p. 5] A’ TILGEADH AN ARAIN AIR AGHAIDH NAN UISGEACHAN. AON uair eile. Tha culaidh-mhisnich mhòr againn anns a’ ghealladh so, ’chum buanachadh ann an seirc ’s an truacantas—’chum gnìomharra cathrannais, agus fialaidheachd—’chum iochd agus gràdh altrum ’n ar cridheachan. Tha cunntas mion, neo-mhearachdach air a chumail ann an leabhar-cuimhne Dhé, air na h-uile nithean a rinneadh riamh, no ’dhùraichdeadh, air son glòir Dhé agus maith a chinne-daonna. Faodaidh an creidmheach fialaidh, gràdhach, a smaointeachadh air uairibh gu ’m bheil e ’tilgeadh air falbh a chaoimhneis, ’s a sheirc, dìreach mar gu ’m b’ eadh, a’ sgapadh an t-sìl-chuir air aghaidh nan uisgeachan; ach tha focal Dhé ag radh, nach tug riamh deoch de dh’ uisge an fhuarain do dh’ aon de dheisciobuil Chriosd, ann an ainm deisciobuil, nach d’ fhuair a dhuais. Cha ’n ’eil dìchioll a rinn an duine maith riamh—cha ’n ’eil gniomh creidmheach, seirceil a rinn e riamh air a dhì-chuimhneachadh le Dia: seadh, cuid de na nithean a dhì-chuimhnich e féin—nithean a bha cho suarach ’s nach b’ urrainn da ’chreidsinn gu ’n gabhadh Dia aire no suim dhiubh, tha iad air an cur sios ann an leabhar cuimhne Dhé. Tha na nithean so prìseil am beachd an Tighearna. Ma ’s ann air son an dilleachdain laig, gun athair, gun mhàthair—a’ bhantrach thruagh—an coigreach brònach—an t-allabanach gun dachaidh, gun leaba—déirceach na lùirich bhochd; ma rinn sinn gniomh gràidh riu so, tha Criosd ’g a chunntas mar gu ’n deanteadh ris féin e: chithear, ged a shaoil sinn gu ’n do thilg sinn ar sìol air aghaidh nan uisgeachan, ’s nach robh e coltach gu ’m faigheamaid a rìs e—chithear gu ’m faigh, air an latha sin air an can am Breitheamh glòrmhor, “Thigibh, a dhaoine beannaichte m’ Athar-sa; a mheud ’s gu ’n do rinn sibh e do aon de na bràithrean a’s lugha agamsa, rinn sibh dhomhsa e.” Agus ma tha so fior a thaobh caoimhneis aimsireil do ’n choluinn, cia mò gu mor a tha e fior a thaobh caoimhneis agus seirc spioradail do ’n anam? Sin an sìol prìseil de ’n tig na sguaban trom’ a stigh do shaibhlean Dhé! Thugaibh fainear Teachdair’ an t-soisgeil a’ dol a mach gu cearnaibh iomallach an domhain, a chur sìol prìseil na fìrinn am measg nan cinneach borba. Tha e ’dol a mach gu dubhach, deurach, le h-iomaguin ’s le h-eagal, a’ tilgeadh an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan, agus fhad ’s a’s urrainn dhàsan léirsinn, cha ’n ’eil cinneas no fàs; ach a dh’ aindeoin so, tha e ’cur, ’s ag àiteach—tha e ’saoithreachadh ann an creidimh, agus ag earbsa cinneis an t-sìl ri Dia—’n a thràth féin ’s dòcha gu ’m bheil e ’faicinn toradh a shaoithreach, ach ged nach ’eil cha ’n ’eil so a’ cur smuairein air—tha làn chinnt aige, oir thubhairt Dia e, “Cha phill focal Dhé ’theid a mach as a bheul, cha phill e gun tairbhe; ach coi’lionaidh e an ni a’s àill leis-san, agus bheir e gu buil an ni mu ’n do chuir Dia a mach e.” Sibhse, a cheud luchd-searmonachaidh Chriosd, a sheas riamh air cladach ar dùthcha—sibhse, a dhaoine dùrachdach, eudmhor, a thàinig d’ ar tìr leis an t-sìol luachmhor—a chuir dòrlach sìl air mullach nam beann, ’s ann duibhse ’choi’lionadh an gealladh so gu saoibhir agus gu pailt! Thusa, ’Chaluim Chille nam buadh, a thainig ann ad churach beag, le d’ dha chompanach dheug, a nall á h-Eirinn, gu eilean beag, uaigneach I, ciod a choinnich thu, no ’chunnaic thu ann an Albainn? An tìr uile fo chumhachd nan Druidhean—saobh-chràbhadh cho eagalach, cho uamhasach ’s a b’ urrainn a bhi—an Roinn-Eòrpa ’s gach cearna dhith fo dhaorsa—luchd saobh-chreidimh cho seòlta, chumhachdach, innleachdach, ’s air am bheil eachdraidh a’ toirt duinn cunntais. Am bheil tìr-mor no eilean iomallach anns nach ’eil fhathast Clachan-nan-Druidhneach, na h-altairean air an robh iad a’ tairgseadh ’suas an ìobairtean eagalach do ’n ghréin? Am bheil àite no cearna ’s an tìir anns nach faighear fhathast na cùirn air an robh iad a’ lasadh an teine—Bealltainn? Ma ’s ann an Irt nan eun fionn, tha cnoc agus carn de ’n t-seòrsa so. Cha robh righ no ceann-feadhna—cha robh àrd no iosal, eadar da chloich Bhreatuinn, nach robh aig an Ard-dhruidh fo dhaorsa. Ach thainig Calum Cille ’s a chàirdean—thòisich iad air cur an t-sìl—b’e sin da rireadh a bhi ’g a thilgeadh air aghaidh nan uisgeachan; ach air Cnoc-nan-aingeal dh’ iarr e còmhnadh Dhé agus fhuair e e. Chuir e ’n siol le deuraibh, ach ’n a latha féin bhuain e le gàirdeachas—chunnaic e creidimh nan Druidhneach air a thilgeadh bun os cionn. Chunnaic e Rìghrean na Roinn-Eòrpa ’gabhail ri Criosd—ag iarraidh an cuirp a chàradh ann an ùir an Eilein naoimh—thog e na ceudan Eaglais ’na latha ’s ’na linn féin—thilg e ’n sìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhoran làithean fhuair e rìs e. A mach á I chaidh soisgeul nan gràs, agus co an diugh a’s urrainn àireamh na mìltean, agus na deich uairean deich mìle anam, a ghineadh uatha-san a bha air an dùsgadh ’s air an ìompachadh trìd an aoin duine so? Agus mar so, gach searmonaiche ’chaidh a mach air feadh an t-saoghail anns gach linn, a thilgeadh an t-sìl arain air aghaidh nan uisgeachan, cha bhi—gu deimhin, deimhin, cha bhi an saothair an dìomhain. Ciod a tha thusa ’tha ’g a leughadh so a’ deanamh ’chum sìol prìseil an t-soisgeil a sgapadh air feadh an t-saoghail? Am bheil thu ’g ràdh, “Ciod a’s urrainn domhsa ’dheanamh?” Cha ’n aithne dhomhsa ach ’s aithne do Dhia ciod e uiread ’s a tha thu ’caitheadh ann am faoineis, ann an deoch ’s an rìomhadh, ’s an uaill gun stàth: cuir mu choinneamh so na tha thu ’deanamh, ’s a’ cost airson glòire Dhé agus maith spioradail a’ chinne-daonna, agus gabh nàire? Am bheil thu ’feòraich ciod is urrainn duit a dheanamh—tha thu bochd? Theagamh gu ’m bheil—bha ’bhantrach a thilg an dara h-earrann-deug de ’n sgillinn ’s an ionmhas, bochd, ach chliùthaich Criosd i, oir thug i na bha ’na comas. Mur ’eil airgiod agadsa nach ’eil cridhe agad? nach ’eil teang’ agad? nach ’eil glùn agad? Guidh air Dia—guidh gu dùrachdach air, gu ’n cuireadh esan a mach luchd cur an t-sìl—gu ’n soirbhicheadh e leò, ’s gu ’n greasadh e féin an latha glòrmhor anns am bi a ghealladh féin air a choi’lionadh:— “Iarr orm ’s mar oighreachd bheir mi dhuit Na fineacha gu léir; ’S mar sheilbh ro dhileas bheir mi dhuit Fad iomall crich gach tìr.” —Caraid nan Gaidheal. An Cu Mar Chompanach. Tha cuid de dhaoin’ ann aig am bheil mar chleachdainn a bhi bruidhinn riu féin; no co-dhiù, a bhi ’ceadachadh d’ am bilean rùn dìomhair an cridhe leigeil ris do na feannagan. Tha muinntir eil’ ann do nach ’eil e soirbh an inntinn a chumail fo ghlais, ach an àit a bhi leigeil le gaoth an fhàsaich am barail a chraobh-sgaoileadh, tha iad a’ deanamh cruaidh ghreim air a’ chiad neach a shaoileas iad a bheir éisdeachd dhaibh, ’s a’ taomadh an sgeòil gun bhrìgh ’na chluais, olc air mhath leis e. Cha ’n ’eil mis’, uile gu léir, cho ao-dìonach riu so, ach ’s glé thoigh leam seanachas beag a bhi agam ri m’ chù an dràst ’s a rithist; gu sonruichte, ’nuair a thachaireas dhuinn a bhi leinn fein air leth-taobh bruthaich ’s gun duine ’g ar n-éisdeachd. Is creutair compant’ an duine ’thaobh nàduir, ’s mar sin, tha iarrtas aige air a bhi leigeil ’inntinn r’a chomh-chreutair, gu sonruichte, ri caraid dìleas anns am bi làn-earbs’ aige. Ach tha mi ’m barail nach ’eil e furasda do dhuine caraid a’s dilse no a’s earbsaiche fhaotainn, na ’n cù. Cha toir fuachd no teas, padhadh no acras air a chù a mhaighstir a thréigsinn. ’Nuair bhios tu fo làimh trioblaide, cò a’s mò iomaguin mu d’ dheighinn, nó a’s mò co-fhulangas ri d’ chor na do chù? Cha’n ith e biadh ’s cha’n òl e deoch gus am faic e air do chasan thu. Cha chuir do chù facal a t’ aghaith ged nach bi do chainnt, uile gu lèir, cho cràbhach ’s a dh’ fhaodadh i bhith. ’S ged a thuiteas dhuit, ann ad sheanachas, leum-taoibh a thoirt thar smior na fìrinn, mar a thachaireas dhuinn air uairean, cha ’n e do chù a their riut gur h-olc. Faodaidh e, gun teagamh, car beag a chur ’an cuinnein a shròine mar gu ’m biodh e faotainn fàileadh bragsaidh, ach cha ’n abair e riut, am muigh ’s a mach, gu bheil thu ’dol tuaitheal air steidh a’ ghnothaich. Cha mhò na sin a thig e thairis, ri neach eile, air aon fhacal beag a their thu ris eadaruibh féin; ’s ’nuair a dh’ eireas droch thubaist duit, cha’n abair do chù riut gur ann agad féin a bha ’choire. Cha’n ionann sin ’s do charaid ionmhuinn; thig esan le salann an achmhasain, ’ga shuathadh ann ad chreuchdan cràiteach, gus am b’ fheàrr leat gu ’n do ghabh e seachad air an taobh eile, no gu ’n robh e ’n àite sam bith eile ach far am faigheadh e cothrom air a bhi ’g ad fheannadh ’s ’g ad phìosdaireachd le lann mheirgeach a’ chronachaidh ’s an earalachaidh. Uch! Thoir dhòmhsa cuideachd a choin a roghainn air cuideachd a’ charaid sin. “ALBANNAICH BHOCHD!” (Sgeulaiche nan Caol). O CHIONN còrr agus trì fichead bliadhna, ann an cuid de dh’ eileanan na h-àird an iar Albainn thuit sneachd fuasach trom. Cha robh neach beò aig an àm a chunnaic riamh a leithid, agus bha ’bhliadhna fad air chuimhne, mar “Bhliadhna an t-sneachda mhòir.” Mhùchadh daoine, tighean agus moran chaorach foidhe. Thainig reodhadh cruaidh as a dhéigh, a mhair sia seachdainean; agus fad na h-ùine sin, ’s gann gu ’n robh neach a b’ urrainn sluasaid a thogail ann am moran de na bailtean, nach robh a mach a’ cladhach nan caorach as na cuitheachan; agus bha iad air an treorachadh g’ an ionnsaidh le toll beag a bha anail nan creutairean bochda a’ deanamh troimh ’n t-sneachd os an cionn. Agus ged a bha daoine air chall, cha robh dòigh no seòl air am faotainn, ged a b’ ioma iarraidh a chaidh a dheanamh orra. Ann an aon àite, bha dà bhoirionnach air chall, ’s fhuair iad na cuirp aca crioman beag o chéile ’n uair a dh’ fhalbh an sneachd. Bha duine còir ann an Gleann-alltain, ris an abradh iad Dùghall Peanseanair; bha Dùghall ann an cogadh na Spàinnt, agus ged nach d’ thainig e as gun leòn, thainig e as le bheatha; thainig e dhachaidh do ’n “Ghleann ’san robh e òg” far an d’ fhuair e bean agus crioman fearainn; thog e teaghlach mòr measail, mic agus nigheanan. Air an oidhche shònraichte ud ann an deireadh na Faoileach-earraich, ’n uair a shil an sneachd—’s b’e sin an sneachd a bha fad air chuimhne—fhuair Dùghall Peanseanair a chuid treud gu sàbhailt air na buathail; ’s bha e fein agus a theaghlach gu seasgair mu ’n cuairt air teine mòr mòna. Bha ’n teaghlach air fad a stigh, a chionn [TD 142] [Vol. 11. No. 18. p. 6] ’s e neach as a riaghailt a thogadh a mach air chéilidh ri leithid sud de dh’ oidhche. Bha sopag chòmhlaich aig bonn an doruis a chumail a mach a’ chathaidh. Bha fear an tighe ’na shuidhe air furm beag ann am meadhon cuach shìomain a bha e snìomh gu dìchiollach. Rinn e stad tacan agus dh’ éisd e. “Cha chreid mi,” ars esan, “nach cuala mi buillean fann aig an dorus.” Dh’ fhalbh a nighean agus dh’ fhosgail i e; chunnaic i coslas duine ’na sheasamh a muigh. Tha mi ’g ràdh “coslas duine,” a chionn nach robh e furasda a dheanamh a mach dé bu choslas dha, ’s e cùirnichte le sneachd. Co dhiu, thuirt i, “Thigibh a stigh.” Thainig an duine a stigh ’s dhùin an nighean an dorus gle luath as a dhéigh; ach mu’n d’ thainig an coigreach ni b’ fhaide na ’chatha, thuirt e ann an guth fann bochd, ’s ann an Gàidhlig Eireannaich, “Am faigh mi fuireach an so an nochd?” “Cha’n fhaigh Eireannach fasgadh tighe anns a’ bhaile so,” ars an nighean. “Mo nàire, mo nàire!” arsa Dùghall, ’s e ’g éirigh as a’ chuaich shiomain anns an robh e ’na shuidhe. “Mo nair’ ort fein ’nuair a dh’ abradh tu leithid sin de chainnt ri neach sam bith. Crathaibh dhìbh an sneachd,” ars esan ris a’ choigreach, “agus thigibh a nuas dh’ ionnsaidh a’ bhlàis; ’s na cuireadh briathran na caileig miapadh ’sam bith oirbh; cha robh iad air an ciallachadh air ur son. Tha muinntir a’ bhaile so air bhoile ann an aghaidh choigreach gu léir, o fhoghradh so chaidh, a chionn bha biasdan a chaidh troimh ’n duthaich aig an àm ud, a rinn gnìomh fuasach suarach. Thug boirionnach bochd a tha shuas astar goirid bhuainn cuid na h-oidhche dhoibh, agus ’s e rinn iad eirigh roimh latha agus a h-uile dad a ghabhadh togail a ghoid. Ach tha eagal orm gu’m faod gu’n téid toirt air an neochiontach fulang ann an àite a’ chiontaich.” Theann an duine bochd gu diblidh suas, agus shuidh e air furm taodh an teine. ’S b’e sin an deòiridh truagh, gun choslas biadh no aodach, ’s bu chruaidh an cridhe a dh’ fheumadh a bhi aig an neach nach tugadh cuid na h-oidhche dha. Cha robh de’n aodach air na chumadh oiteag fhuar an fhaoilich o chom bochd fann; agus na rudan a bh’ air a chasan ann an àite bhròg, ’s nach cumadh iad a mach na clachan beaga, gun ghuth air an t-sneachd, euslaint agus cruadal a’ nochdadh ann ’s gach preasadh ’na aodann,—athadh, cha mhor nach faoidteadh a ràdh geilt, anns a h-uile facal a thigeadh as a bheul. “Tha thu air fuachd co dhiù,” arsa Dùghall; “agus, ma dh’ fhaoidteadh, air acras.” “Fhuair mi biadh anns an Lagan-bhàn,” ars an coigreach. “Anns an Lagan-bhàn,” arsa Dùghall; “tha sin coig mìle-deug as a so—co dhiu, ’s e sin a tha iad ag ràdh ach cha chreid mi na ’m bitheadh e air a thomhas, nach ann is fhaisg’ air an fhichead e.” Ged a bha an nighean doicheallach gu leòir ris an Eireannach, aig an dorus, cha robh i fada cur air dòigh biadh dha, ’n uair a chuala i gur h-ann ’san Lagan-bhàn a fhuair e ’m biadh mu dheireadh. ’Nuair a bha ’n duine réidh d’a bhiadh, thuirt Dùghall, “Co as a thainig thu?” “Thainig mi ’n dràsd as an taobh-thuath; ach ’s ann do dh’ Eirinn a bhuineas mi,” ars an coigreach. “Tha mi ’m beachd gu’m bheil thu greis mhath an Albainn, a réir do Ghàidhlig,” arsa Dughall. “Tha mi còrr agus da bhliadhn’ ann,” ars an t-Eireannach, “tha mo naidheachd fada, agus tha i muladach gu leòir; dh’ fheuch an saoghal so glé chruaidh rium; ach shaoil mi uair no dhà o’n thàinig am feasgar gu’n cuireadh an oidhche nochd crìoch air a h-uile rud dhiu-sin; agus dheanadh i sin mur bhiodh gu’n d’ eirich dhomh gu’m faca mi solus na h-uinneige agaibhse. Tha mi gun athair gun mhàthair, agus, air son na bheil fhios agam, gun phiuthar, gun bhràthair, gun charaid, gun fhear-daimh air uachdar an t-saoghail; ged is mi an t-aon a b’ òige de choigear de theaghlach, triùir mhac agus dà nighinn.” Bha Dùghall a’ gabhail beachd shònraichte air an duine, ag amharc air gu dian, agus thuirt e, “Cha ’n eil an oidhche ach òg fhathasd; dh’ fhaodadh tu do naigheachd ìnnseadh dhuinn.” “Cha ’n fhaca’ mi m’ athair no mo bhràthair bu shine riamh,” ars an coigreach. “Chaochail m’ athair mu ’n d’ thainig cuimhne dhomh, agus dh’ fhalbh mo bhrathair do ’n arm ’n uair a bha mi ’nam leanabh, tha fios agam gu ’n robh an réisimeid anns an robh e aig Waterloo. Cha chuala mi ’n còrr mu dhéighinn. Am brathair eile a bh’ agam”—agus an so thainig reachd ’na mhuineal— “Chaochail e,” arsa Dùghall. “Chaidh”—ars an duine bochd, “chaidh a chrochadh.” Sheall a h-uile neach a bha stigh air a chéile, ’s ’n uair a chunnaic Dùghall gu ’n do ghabh an duine miapadh as an dòigh ’sna ghabh muinntir an taighe ris an fhacal mu dheireadh a thuirt e, ’s e thuirt e ris, “S iomadh duine neo-chiontach a chaidh a chrochadh.” “Ma ta,” ars an coigreach, “tha dùil agus dòchas agam gu ’m b’ ann diubh sin esan. Thachair an gnothach mì-fhortanach ud ’n uair a bha mise seachd-bliadhn’-deug a dh’ aois, agus bhiodh e fein mu thrì bliadhna-fichead aig an àm. Dh’ fhalbh e fein agus gille òg eile a mach a shealg, air maduinn shònraichte; chaidh iad asdar mòr o’n bhaile agus fada thar crìochan an uachdrain againn fein; thachair buidheann de dh’ fhir eile orra, agus ’s e thuirt iad riutha gu’n robh na maoir a’ tighinn do bhaile bha faisg orra, a chur a mach sia no seachd de theaghlaichean as na taighean aca, agus gu’n robh iadsan a’ dol a chur ’nan aghaidh cho math ’s a b’ urrainn iad. Bha gunnachan aig a’ chuid bu mhotha dhiubh, ’s thug iad air mo bhrathair agus air a chompanach gu ’n d’ fhalbh iad còmhla riutha. Nuair a ràinig iad an t-àite, bha na maoir a’ cur a mach nan daoine, mnathan agus clann air a’ bhlàr a muigh, ’s cuid de na taighean gun sgrath gun chabar. Thòisich an iorghuill eadar na daoine ’s na maoir; chaidh urchraichean a losgadh air gach taobh; chaidh fear de na maoir a mharbhadh, agus cuid dhiù a leòn; ’s thuit companach mo bhràthar marbh ri thaobh. Ach fhuair na maoir tuillidh còmhnaidh, ’s b’ eudar do na daoine teicheadh. Thilg mo bhràthair bhuaidhe ’n gunna, ach fhuaradh i, agus bha ’n urchair air a losgadh aisde. Ach thuirt e fein riamh gus na dh’ fhàg e ’n saoghal so, nach do loisg e urchair anns a’ bhaile ud idir, gu ’n do loisg e’n urchair mu dheireadh air geàrr, mu ’n a thachair na daoine idir orra. Ach cha robh a’ gheàrr aige; ’s cha ghabhadh i faodainn mu ’n àite anns an d’ thubhairt esan gu ’n do loisg e ’n urchair; ’s bha h-uile rud a bh’ ann ’na aghaidh-san. Bha am maor a chaidh a mharbhadh ann am meas mor aig an t-sluagh, ged nach eil na maoir ann an cumantas mar sin. Bha ar coimhearsnach féin, athair a ghill’ òig a chaidh a mharbhadh, companach mo bhràthar, fuasach fada an aghaidh mo bhràthar. Theireadh e daonnan nach deachaidh a mhac-san riamh do leithid de dh’ àite mur a biodh e air éigneachadh gu dol ann le neach bu shine na e féin. Gun teagamh, bha mo bhràthair da no trì bhliadhnachan ni bu shine na chompanach. Ach cha d’ fhàg ar coimhearsnach olc a rinn mo bhràthair riamh, agus tha eagal orm, uilc nach d’ rinn e idir, nach d’ àireamh e suas as ùr, rudan a bha glé shuarach annta fein, ach ghabh iad droch dhath aig a’ chuirt. Ach chum mo bhràthair a mach riamh gu ’n robh e neo-chiontach. Fhuaradh cnàmhan geàrr ann an tom faisg air an àite far an d’ thubhairt e gu ’n do loisg e ’n urchair, sia mìosan an déigh dhasan a bhi anns an t-Sìorruidheachd bhuan. Agus dh’ innis an Sagairt do m’ mhathair gu ’n robh a mac neochiontach, rud a bha ’na mhòr thoil-inntinn dhith, a chionn bha ’n smuain gu’m faodadh e bhi ’na mhortair a’ cur barrachd dragh oirre na bha ’bhàs. Bha mo dhà phiuthar pòsda roimhe sud, agus dh’ fhalbh iad fein ’s an teaghlaichean do Chanada. Bha iad fuasach deònach gu’m falbhadh mise leò, ’s bha mi fein glé thoileach sin a dheanamh. Ach cha’n fhàgadh mo mhàthair an dùthaich. Bha mo bhràthair a bh’ anns an arm fad air falbh; ach theireadh mo mhàthair daonnan ’nuair a bhiomaid ’ga comhairleachadh gu falbh do Chanada, theireadh i, “Cha téid, cha téid, thig Iain fhathast, ma dh’ fhaoidteadh ’s e leòinte; ’s dé ni e mur a bi a mhàthair roimhe ann an Eirinn.” Ach ma rainig Iain Eirinn, cha robh a mhàthair roimhe. Agus o nach falbhadh mo mhàthair cha ’n fhàgainn leatha fein i. Dh’ fhuirich mi ’san dùthaich riamh gus na chaochail i. Thainig mi ’n sin do Ghrianaig; bha mi cluinntinn gu robh tuarasdal math aig luchd oibre ann; agus bha mi ’m beachd gu ’n cuirinn ma seach ann an ùine bhig na bheireadh do Chanada mi. Ach ged a bha ’n tuarasdal math, cha robh an obair daonnan ri fhaotainn. Thug mi bliadhnachan ann gun mhòran a chur ma seach; bhrist air mo shlàinte, ’s chosd mi na bh’ agam; ’s an uair a fhuair mi beagan ni b’ fhearr, cha robh an obair ri fhaotainn. Thachair fear dùthcha dhomh orm latha air a’ cheidhe; thàinig sinn ann an seanachas air chéile, is ’s e thuirt e rium, na ’m falbhainn leis do ’n Ghaidhealtachd, far an robh e dol a reic creatha, ’s o ’na bha Ghàidhlig agam, na ’n giùlaininn cliabh air mo dhruim, gu ’n tugadh e dhomh mo bhiadh agus beagan tuarasdail. Ach cha robh e idir cho math ri ghealladh. Cha d’ fhuair mi peighinn de thuarasdal riamh bhuaidhe; agus air son mo bhiadh bha mi ’ga fhaotainn mar a bha e fhéin, o mhuinntir na dùthcha. Cha robh mi faotainn mo shlàinte gu ro mhath o chionn leth-bhliadhna; agus o nach b’ urrainn mi na h-eallaich a ghiùlan a bu mhath leis a chur air mo dhruim, dh’ fhàg e ’n sud mi gu dol an taobh a thograinn. ’S tha mi deanamh mo rathaid gu deas mar is fearr is urrainn dhomh.” Nuair a dh’ainmich an coigreach ainm a bhràthar a bh’ anns an arm, stad Dùghall de shnìomh an fhraoich, agus thug e tacan a’ sealltainn air an duine gu dian; ’s an sin thòisich e rithisd, ach cha d’ thainig smid as a cheann gus an robh an duine réidh de naigheachd; agus an sin sheall e air, agus, ars esan— “An cuireadh e ioghnadh ort na ’n ìnnsinn-sa do shloinneadh dhuit?” “Cha ’n fhiosrach mi gu’m faca mi riamh roimhe sibh,” ars an duine bochd. “Tha mi anns a’ bheachd cheudna,” arsa Dùghall. “Ach nach e Mac-a’-Ghobha is sloinneadh dhuit?” “’S e,” ars an duine, “Seumas Mac-a-Ghobha.” “Cha robh fios agam dé cheud ainm a bh’ ort,” arsa Dùghall, “ach tha mi meallta am bharail neo tha thusa, a dhuine bhochd, an nochd fo sparraibh taighe a thog Iain do bhràthair.” (Ri leantuinn.) Tha muinntir Eilean a Phrionnsa air a’ gheamhadh so air an cumail na ’s fhaide o ’n t-saoghal na bha iad o chionn iomadh bliadhna. Tha an Stanley anns an deigh fhathast, ged tha ’m Minto air faotainn aisde ’s a ruith eadar Pictou is Georgetown. Cha bhi ’n ùine fada, co-dhiu, gus am bi ’n deigh as an rathad ’s am faigh na bàtaichean ruith gu riaghailteach. [TD 143] [Vol. 11. No. 18. p. 7] Am Bogha-frois. LE DONNACHADH MAC GILLEAIN. A chuspair alainn, ghrasmhoir, orbhuidh, Urrais aird air slaint’ a’s comhnadh, Biodh t’ fhiamh ghaire ort an comhnuidh, Seall an gradh orm ri uchd doruinn. ’Nuair a reubas stoirm an t-athar, ’Cur nan dùil’ air mhire-chatha, ’Luidheas oidhch’ air uchd an latha, Faiceam soillse do ghnùis fhlathail. Cuir an céill dhomh, ’theachdair’ dhìleis, Gealladh aoibhneach Dhé na firinn; Innis dhomh am briathraibh mìne, Chaoidh nach sgriosar sinn le dìle. ’Nuair chithear thu, a dhrochaid bhoidheach, Crocht’ os cionn nan tuilte mora, Seallams’ ort ’s an àm le solas Mar an ròd gu rioghachd na gloire. Seallam ort, a choroin sgiamhaich, Mar roi’-earlais air Mac Dhia dhuinn, ’Chleith san fheoil ard ghloir a Dhiadhachd, Ri ’n sior sheallam ri àm diachainn. ’Nuair bha mi ’m leanabh aotrom, gorach, ’Dearc le h-ioghnadh air do bhoidhchead, Dh’ innse dhomh mar sgeul gun sgleo e, Na ’n glacainn thu gu’m meallainn storais. O raon gu raon ’s tric chuir mi ’n ruaig ort, ’S an dochas bhaoth gu ’n d’ thugainn buaidh ort, Ach char is mheall thu mi ga m’ bhuaireadh, Mar iomad faileas faoin o’n uair sin. Ach ged ’mheall thu mi am bharail, ’S nach do chum thu rium do ghealladh, Ged a chaochail gloir do ghathan, ’S ged a sgaoil iad feadh an athair,— Dearcam ort, ’s na ceileam uam e, ’N Ti nach tréig mi ri uchd cruadail— ’N Ti bheir slàinte dhomh is solas, ’S leis nach meallar ’chaoidh mi ’m dhochas. Nuair bhios tuiltean ’brùchd air m’ anam, ’S tonnan buaireas a’ dol tharam; Le sùil creidimh riut an comhnuidh, Ios’, bi dhomhs’ ad bhogha dochais. Rannan A chaidh a dheanamh leis an Urr. Tormad Mac Leoid, a bh’ ann an St. Ann’s, do ghille og nuair a bha bha e dol dha ’n sgoil ’san t-seann dùthaich. Bha an gille car maol, gun tuigse, agus ghabh e na briathran an dùil gu ’n robh iad ceart. Bha e na ’chleachdadh a bhi ’g ionnsachadh earrann de na Sgriobtuirean air son an cumail air chuimhne gus an ath latha. Bha so na chleachdadh nuair a bha mi fhein anns an sgoil agus fada na dhéigh. Cha robh e furasda do ’n ghille so an salm ionnsachadh, agus chaidh e gu Tormad air son cuideachaidh, agus so na briathran a ghabh Tormad dha. An dùil gu ’n robh e ceart chaidh an gille fa chomair a mhaighstir-sgoil, agus thug e seachad iad facal air an fhacal. Dh’ éisd am maigh-sgoile ris, agus dh’ fhaighneachd e dheth co dh’ ionnsaich sid dha. Fhreagair e gu ’n d’ ionnsaich Tormad. Cha robh Tormad ach mu shia bliadhn’ deug a dh’ aois aig an àm. Bha na rannan so air chuimhne aig iomadh neach an làithean m’ oige’ ach ’s e glé bheag aig am bheil cuimhn’ orra an diugh. Thachair gu ’n d’ fhuair mi na rannan o Mhuireach Mac Coinnich, (Bàn) an Rudha ’n Rothaich. Tha mi fada na ’chomain. Cha ’n ’eil a h-aon eile aig a bheil cuimhn’ air na rannan. Bha Eachann brathar-athar anns an sgoil aig an àm. Iarr orm ’s mar oighreachd bheir mi dhut Loch Crocach ’s na bheil ann, Is culaidh bhriagha air an Loch, A tarruinn connaidh nall. Na ’m biodh a’ choille sin cho math ’S gu ’n deanadh e tigh blàth, Cha loisginn bioran na mo thigh Gu siorruidh no gu bràth. Tha Alasdair is Mairi bhàn Ag iomain air an deigh, Dh’ éibh Alasdair le briathran àrd, “A Mhairi, bhual e creag!” Tha ’n sabhal agam fhin ’s an tigh Cho fagusg air a chéil’, ’S ma gheibh an teine greim air aon Gu ’n caillear iad gu léir. Bidh guirmein is tombaca pronn Is anart lom air féill; Ach muinntir a tha gabhail ann, Bidh ’m braman as an déigh. An déigh do Mhac Leoid a bhi smaoineachadh air an oran nuair a thainig e gu tuigse ghabh e moran aithreachais air a shon. Bhiodh e coma bhi fanaid air na Sgriobtuirean. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsdean. Duanag do Cheap Breatunn. LE ALASDAIR DOMHNULLACH, am Painter Mor Fonn—“Fear a’ bhata.” An tir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile, An tir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile, ’S na fir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile, Mo shoraidh slàn leibh gach là dhuibh éiridh. Tha sith is siochaint air sliabh do mhor bheann, ’S gach là ’sa bhliadhna ’cur miad an gloir dut, ’S do stùcan liath-ghlas ’bha chian ’s a cheothran, Tha ’n dràsd a’ ghrian a toirt fiamh an oir dhaibh. Tha ’n Eaglais bhriagh’ ann ri gniomh gun fhàillinn, Toirt gloir dha ’n Trianaid am briathran Dhàibhidh, ’S na deoir bho phian-chridhe ’g iarraidh fàbhar Bho ’n Fhear nach dian rith’ a bhriathar àicheadh. Tha torman uillt feadh do ghlinn nach traigh ann, ’Tha cumail beoir ri d’ chuid feoir tha fas ann. Tha crodh is caoraich is laoigh gun àireamh, ’S do chlannaibh gaolach le aoidh ga ’n arach. Tha ’n seillein riabhach air sgiath mu d’ chlobhar ’Toirt mil na bliadhna gu biadh dha oigridh, ’S a chéir na pliasgan mu ’shliasaid romach Gach aite ’n triall e gu dion a storais. Tha ’m bradan briagh’ ann, ’s co dh’ iarradh àicheadh, Na d’ shruthain fior-ghlan an ciadaibh àite: An t-iasg a’s milse bheir sith do’n chàirein, ’S bhiodh uile phriseil aig righ no banrigh. Tha ’n searrach luath-chasach, uaibhreach, ard-cheannach, Starrach, uallach, le ’chluasan barr-bhiorach, Tograch, fuasgailt, is tuar-ghlan sàiltean, A ruith ’s a cluaineis mu ’n cuairt da mhàthar. Mu’n tig tri bliadhna bidh miadh a fàs air, Ma gheibh e biadh math is fiar gu àilleas ’S ann bhios e cliathadh dhuibh shios ’s na pàircean Na ghearran ciatach, ’s e shiol Arabi. (Tuilleadh.) Is beag an t-ioghnadh amadan a bhi leannanachd ri oinsich. Is bochd an rud nach fhiach iarraidh. Iadsan a Phaigh. Bean Ailein Mhic Amhlaidh, N. Ainslie J. F. Murphy, Acarsaid Chloinn Fhionghain Colla Domhnullach, Sidni Seumas I. Mac Gilleain, Glen Morrison Dughall S. Caimbeul, Seana Bhridgeport An t-Urr. Beutan, Eilein Christmas Dughall Mac Cuithein, Glace Bay Bean Mhic Rath, Abhainn Mheadhonach Ruairidh I. Mac Raing, B. C. Banks Bean Iain Dhomhnullaich, Boisdale Barrachois Aonghas Beutan, am Pon Mór Fionnladh I. Mac Griogair, Big Intervale Aonghas I. Mac Gillialain, B. C. Marsh Alasdair Bain, Port Hawkesbury Padruig Mac Fhionghain, New Canada Raonull Domhnullach, Bridgeport Iain N. Domhnullach, Sidni Tuath Bean Ios. MhicArtair, Abhinn Inhabitants Somhairle Mac Gilleain, St. Esperit Bean I. I. Gillinnein, Dominion No. 1 Seumas Mac Aonghais, Grand Mira Eachunn Mac Neill, South Bar U. A. Mac Illemhaoil, Finch, Ont. Barbara C. Leitch, Lafontaine, Ont. Dr. A. I. Gillios, Dawson, Y. T. Mor Mhunn, na h-Eileinean Coille, E.P.I. Domhull MacCoinnich, Orwell Cove, E.P.I. An Siorram Mac Neacail, Kansas Grove L. Mac Fhionghain, Pomquet, N. S. Capt. M. Mac Leoid, Vancouver, B. C. D. Mac Cuthaig, Abbotsford, B. C. Niall Beutan, Chicago, Ill. Callum Mac Amhlaidh, Anaheim, Cala. Aonghas Mac Leoid, New York Domhnull Muireach, Northcote, Mich Iain N. Mac Leoid, Bearnaraidh, Alba [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. . EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 144] [Vol. 11. No. 18. p. 8] Oran Do Mhr. Raonall Mac-Gillebhràth, le Alasdair Domhnallach, Bard na Ceapaich. Fonn—“Cumha fear Ile.” ’N diugh gur airtnealach m’ éirigh, ’S gur neo-éibhinn mo dhùsgadh. Tha mo chridh’ air a sgàineadh, Chaidh gach àbhachd air chùl bhuam, Le bhi ’g ionndrainn an uasail A rinn gluasad bho ’n dùthaich Anns an d’ fhuair sinn air eolas, ’S tric thug solas d’ ar n-ionnsuidh. Gum b’e sin an deagh eolas ’Fhuair sinn og air do ghiulan. Fhad ’sa dheonaich thu tàmh leinn Cha robh t’ fhàillinn r’a cunntas. Chuir thu sàradh ’san fhirinn, ’Rinn ro-dhireach do stiùradh Air an t-sligh’ air na cheum thu; ’S a thug léirsinn ga t’ ionnsuidh. Bi mo ghràdh do ghnùis chaoimhneil ’Chuireadh loinn air gach comhail; ’S tric a bha mi ga t’ éisdeachd, ’S sinn le chéile ’san t-seomar, Far a faicteadh gach uaisle, Mar bu dual dha do sheorsa; Cha b’ e ’ceannach a rinn thu, Bu leat mar oighreachd o t’ oig i. Ged is farsuinn an tir so, ’S a liuthad sgireachd mu ’n cuairt duinn, Cha b’ eol dhomhsa ’san àireamh Aon thug bàrr ort am buadhan, Ann an oilean ’s an giulan Mar a dh’ ionnsaich ’s a fhuair thu; Sud am beachd anns na chinn thu, Cha do dhibreadh leat uair e. Nuair a fhuair sinn gu ’r feum thu, ’S tu ’n ùr-chéitein na h-oige, Gum bu tearc iad ri fhaotainn, Anns gach taobh an robh m’ eolas, Neach a dh’ fhaodainn-s’ a luaidh riut Anns gach buaidh rinn do sheoladh. Thugadh sud dhut mar oighreachd; ’S gun robh roinn na bu leoir ann. Gur a h-eallach ri ghiulan Do ’n fhear a stiurar a t’ àite Do chathair fharsuinn-sa ’lionadh ’S dol fo d’ ghniomhannan sàrmhath, Fhir a labhradh an fhirinn ’S a bheireadh cinnteach do chàch i, Gum bu bhlasda bho d’ bheuls’ i, Ga ’cur an céill anns gach cànain. Bu tu ’n labhraiche saoithreach, ’Bheireadh daonnan le reusan T’ uile ghliocas is t’ eolas Dha na dheonaicheadh t’ éisdeachd. Bha do chomhairlean luachmhor, Gheibhteadh bhuait-sa le céill iad; Cha b’ ann le frionasachd ghruamaich Ach le suairceas is ceutabh. Cha b’ ann an iomall nan uaislean ’Gheibht’ a gluasad mo rùn-sa; ’S ann a bhiodh tu mar àbhaist ’S a chuid a b’ àirde dhe ’n cùirtean. Gheibhteadh freagairt is fuasgladh ’S gach ceist bu chruaidhe bho d’ thùr-sa; Cha robh dubhar mar sgàil ort Bho ’n rinn gach tàlant do chrùnadh. ’S ann ad làthaireachd phriseil Bhiodh gach ni ’san deagh ordugh; Cha bhiodh iot’ oirnn no fàillinn Nuair a thàrlamaid comhla. Gheibhteadh mùirn is ol fiona Mar a dh’ iarrteadh mu d’ bhordsa, Leis an laimh bu ghlan sineadh Rachadh mi-ghean air fogradh. ’S ged a thrusamaid comhla Na ’r comhlanaibh dùmhail Cha ’n fhaicinn ’san àireamh Air àiridh na dùthcha Neach a dh’ fhaodainn a luaidh riut Anns gach buaidh bha ga d’ stiùradh, ’S gur a dubhach gach tràth sinn A bhi ’n dràsda ga t’ ionndrainn. Cha robh tlachd a bha ’n Gàidheal Nach d’ rinn thu àrach fo d’ chota; Chiteadh sud ann ad ghiùlan, ’S gum bu dùthchas bho d’ sheors’ e; Bha do phears’ air dheagh chumadh Bho d’ mhullach gu d’ bhrogan, Gu deas, cruinn bhallach, dealbhach, Fearail, calma, gun mhorchuis. ’S tu nach dibreadh ’s nach mùchadh Cainnt dhùthchais do shinnsridh; Bha i agad gun fhàilinn, Gu deas, nàdarra, cinnteach. Gum bu bhlasda bho d’ bheul i Nuair a leughadh tu ’m Biobull; Cha bhiodh solus an uaigneas Nach faight’ uatsa le firinn. Co nis ’thuigeas na dàin bhuam, Na bheir àbhachd as ùr dhomh, Bho nach fhaicinn mar b’ àbhaist ’S an tigh bhàn air an dùnan, Gnùis shoilleir na fàilte ’Dheanadh mànran a dhùsgadh, Ged bhiodh m’ aigne fo smuairean Gheibhinn suaimhneas ad chùirt-sa. Gur e t-ainm Maighstir Raoghall Gur tric aig daoine ga ’luaidh e; Cha ’n ann idir gad dhìteadh Ach gad shior thoirt an uachdar. Bu ro-mhath ’n airidh gun éibhteadh Fear do chéille ’s do bhuadhan Gu bhi riaghladh ’s a stiùradh Cléir gach dùthcha mu ’n cuairt duinn. Cha b’ ann le seacharan inntinn ’Thug mi dhuibh anns an dàn so Am beagan fhacal so ’dh’ inns mi, Ann am firinn nach àichear, Mu ’n duin’-uasal ghlan shiobhalt ’Sheasadh dileas a chàirdean, Bha na ’nàmhaid do ’n eucoir, ’S gach aon cheum sam biodh fàillinn. ’S mi gun comhlaicheadh dàn thu A dh’ aon àite dha ’m biodh tu; Cha bhiodh t’ fhuransa an uaigneas, Chuireadh t’ uaisle morspìd orm. Co a lionas dhomh t’ àite, No bheir àbhachd dha m’ inntinn? ’S e na fhuair mi dhe t’ eolas Nach teid ri m’ bheo as mo chuimhne. Bho “Chùil na Gàidhlig” an 1886. Oran do Shine Woodrow. LE SEORAS CAIMBEUL. Chunnaic mi ’n oigh a’s boidhch’ air thalamh; Do phog air bhlas meala, ’chaoin chagair mo chridh’. Dhuir’ginn a posadh le deoin gach caraid; Gun or, gun earras; cha ghabhainn ach i. Tha mi fo ghruaim, ’s cha dual dhomh bhith maireann, Mu ’n sgeula so ’fhuaras Di-luain thar a Chaoil, Gun do chaochail gach uails’ ’s gach suairceas banail, ’S gach suaimhneas, carantachd, gean agus gaol. Mi siubhal nam beann ’s nan gleann fo airsneal Bho dhubhar an latha gu sgaradh an neoil; ’S nan sìninn mo thaobh a dh’ fhaotainn cadail, B’ e ’m fraoch mo leaba ’s na baidealaibh ceo. Ma thug thu rium cùl ’s gun dhiùlt thu m’ fhuran, ’S mi giulan mulaid le fulangas buan, Nan deanadh mo shùil an driùchd a chumail, A rùin, cha chluinnteadh mi tuilleadh ga d’ luaidh. Tréigidh a ghrian an iarmailt buileach, Sguiridh na sruthain a ruith chum a chuain, Mu ’n lùghdaich mo spéis do ’n ghéig a’s luraich’; Ach ’s fheudar cur leis, ma thug thu dhomh fuath. Ach so dhuit mo làmh le càirdeas tairis, ’S le blàths a mhaireas ma bhitheas mi beo, ’S na cùm mis’, a ghràidh, ga m’ chràdh na ’s fhaide, ’S do ghràdh ga m’ mhealladh ’s nach fhaigh mi ort coir. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton [TD 145] [Vol. 11. No. 19. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 20, 1903. No. 19. Do Luchd nan Litrichean. THA fhios againn gur toigh le leughadairean MHIC-TALLA a bhi faicinn litrichean goirid as gach cearna dhe ’n t-saoghal. Tha fhios againn cuideachd gu bheil àireamh mhor am measg ar leughadairean do ’n urrainn deagh litrichean a sgriobhadh. Air-son misneach a thoirt dhaibh sin, ’s air-son tuilleadh toileachaidh a thoirt do ar leughadairean, tha sinn a rùnachadh duaisean a thairgse air-son litrichean dhe ’n t-seòrsa so mar a leanas:— 1. Do ’n neach a sgriobhas an litir a’s fhearr gu MAC-TALLA eadar so ’s deireadh an Og-mhios, (June) bheirear “CARAID NAN GAIDHEAL.” 2. Do ’n neach a sgriobhas an ath litir a’s fhearr ’san ùine cheudna, bheirear “LEABHAR NAN CNOC.” Faodaidh gach neach a dh’ fheuchas air-son nan duaisean da litir a sgriobhadh; ach cha ’n fhaigh aon neach an da dhuais. Cha ghabhar litir anns am bi thairis air ochd ceud facal, no anns am bi na’s lugha na cóig ceud. Tha sinn an dòchas gu ’n cluinnear o iomadh sgriobhadair ùr nach d’ fheuch fhathast ri litir a chur gu MAC-TALLA. Tha iomadh neach a leughadh a’ phaipeir Ghàilig a b’ urrainn litir phongail a sgrìobhadh uige ann an rogha is tagha na Gàilig na ’m feuchadh iad ris. BHA seachd fichead is cóig deug dhe na tighean-sgoile tha ’n Nobha Scotia dùinte fad na bliadhna ’n uiridh. Cha robh luchd-teag-teagaisg ri ’m faighinn, agus b’ fheudar do àireamh mhor chloinne bliadhna dhe ’m beatha chur seachad gun bhi ’g ionnsachadh ach a’ leigeil air diochuimhne na dh’ ionnsaich iad roimhe. Tha call air a dheanamh mar sin nach gabh leasachadh; oir ann an iomadh àite, tha gach bliadhna theid thairis gun sgoil a toirt bho ’n òigridh cothrom nach fhaigh iad tuilleadh. MUR eil moran dhiùsan a tha ’fàs suas an diugh ri bhi na ’s miosa dheth a thaobh sgoile na bha am pàrantan, feumar cùisean a leasachadh agus sin gun dàil. Dh’ fhaodadh iomadh ni a bhi mar nach eil iad. Dh’ fhaodadh an riaghladh deanamh na b’ fhearr air-son nan sgoilean na tha iad a’ deanamh, agus dh’ fhaodadh an sluagh a bhi na bu dìlse d’ an dleasnas na tha iad. Tha coire ri chur araon air an riaghladh ’s air an t-sluagh, ach cha ’n eil a’ choire uile gu léir aig aon seach aon dhiu. CHA bhi sgoilean cearta againn gu bràth mur toirear pàidheadh na’s fhearr do luchd-teagaisg nan sgoilean. Cha ’n eil dìth lighichean no luchd-lagha no phearsachan-eaglais air an dùthaich. Cha chuir cion chlachairean no gainnead nan saor maille sam bith air duine tha ’dol a thogail taighe. Cha ’n eil ceaird fheumail anns an dùthaich nach eil gu leòr ga ’h-ionnsachadh. Ach teagasg sgoile, aon de na h-obraichean a’s fhearr agus a’s urramaiche ris an urrainn neach a dhol, tha iadsan a bha rithe ga ’fàgail ’s tha còrr is ceud gu leth dhe ar taighean-sgoile anns nach urrainnear sgoil a chumail le cion luchd-teagaisg. Agus sin uile a chionn nach eilear a’ toirt tuarasdail do ’n mhaighstir-sgoil a réir na h-obair a tha aige ri dheanamh. BU chòir do ’n riaghladh barrachd airgid a roinn air na sgoilean ’s a thatar a’ deanamh. Ge b’e dé air an deanar dearmad, cha chòir dearmad a dheanamh air foghlum na h-òigridh. Agus is còir do ’n t-sluagh fhein a bhi na ’s deònaiche air cosd ris an sgoil na tha iad. Anns an dòigh so tha roinn mhor dhe na sgìreachdan dùthcha fada, fad’ air ais. Cha ’n eil tighean-sgoile freagarrach aca, ’s cha tairg iad tuarasdal a ghabhas deagh luchd-teagaisg. Their iad féin gur h-i bhochdainn a’s coireach, ach tha galair a’s miosa na bhochdainn mu bhun a’ ghnothaich. A REIR beachd is lagh na dùthcha so, mar earainn de ’n Iompaireachd Bhreatunnaich, tha gach duine saor, agus tha e dligheach air an stàid a shaorsa ’s a chòirichean a dhion dha. Ach tha iomadh cearb air an t-saorsa sin ’san latha ’n diugh, agus tha eagal oirnn gu bheil tomhas mor dhi, gun fhios gun fhaireachadh dhuinn, a lion beagan is beagan ag imeachd uainn. Tha iomadh dòigh ann air sùilean dhaoine dhalladh, ’s tha iomadh neach is cuideachd a’ cleachdadh nan dòigheannan sin. Tha cùisean-riaghlaidh gu tric air an laimhseachadh air a leithid de dhòigh ’s gu bheil math a bheagain air fhaotainn air chosd a mhorain; ’s tha ’n sluagh gu tric a buileachadh shochairean air an cuid sheirbhiseach a tha iad a buntainn uapa fein. Tha luchd-pàrlamaid air an ainmeachadh le ceannardan nam pàirtidhean ’s air an taghadh leis an t-sluagh a ghabhas an iarrtus mar àithne, no, mo thruaighe, leothasan a ghabhas airgiod no brìb eile air-son bhòtaichean. Ma bha politics ’san dùthaich so riamh roimhe na bu mhiosa na tha iad aig a’ cheart àm so, bu chòir dhuinn a bhi taingeil gu ’n do sheachainn am Freasdal na làithean sin oirnne. ANN an aon de shiorrachdan Ontario a bha ’taghadh fir-pàrlamaid o chionn ghoirid—North York—chaidh fear Uilleam Munns a ruith air taobh stuaime, saor o chuing phàirtidhean. Bha Liberal is Conservative a ruith na ’aghaidh, ach cha ’n fhòghnadh le luchd nam pàirtidhean sin feuchainn ri chur fodha air dòigh dhligheach: b’ fheudar dhaibh tuaireap is làmhachas-làidir a chur an cleachdadh. Aon latha am feadh a bha Munns a labhairt aig coinneamh, thug gràisg a bha ’n làthair an sàs ann, agus mur b’ e gu ’n deachaidh muinntir a b’ fhearr beusan ga ’chuideachadh, bha e buailteach air a bheatha chall air an làmhan. Tha Munns mar dhuine fo chliù fad air toiseach air an dithis a bha ruith na ’aghaidh, ach bha e ciontach de ’n pheacadh mhor so: nach robh e fo sgéith aon seach aon de na pàirtidhean. Air-son a pheacaidh sin cha ’n eil mathanas ri fhaotainn, agus mur urrainnear an duine tha ciontach dheth a chur fodha le argumaidean fallain, gabhar dha le argumaidean an aineolaich—na dùirn ’s na breaban. CHITHEAR ath-leasachadh an cùisean-riaghlaidh na dùthcha cho luath ’s a ghabhas an sluagh gu cridhe gur mò an dùthaich na pàirtidh, nach fhearr onair an fhir a chuireas a làmh an sporan na dùthcha na onair an fhir a ghoideas o ’choimhearsnach, agus gur h-e dleasnas gach duine aig am bheil math a dhùthcha na ’bheachd a bhi cho cogaiseach mu thoirt seachad a bhòt ’s a bhiodh e mu thoirt breith ann an cùirt lagha. Nuair bhios a mhor chuid de ’n luchd-taghaidh air an stiùireadh le eòlas, le tuigse, ’s le onair, bidh iadsan a thaghair leotha na ’s déidheile air leas na dùthcha na bhios iad air neart nam pàirtidhean d’ am buin iad. Agus gus am bi an sluagh agus iadsan a theid a thaghadh do ’n phàrlamaid mar sin, cha bhi an dùthaich air a riaghladh cho glan no cho ceart ’s bu chòir dhi bhi. “Cha tig as a’ phoit ach an toit a bhios innte.” ANN an caochladh bhailtean ’sna Stàidean tha na maoir a’ gabhail mu chùl muinntir aig am bheil innleachdan is dòigheannan leis am faod daoine, ma ’s fior dhaibhsan, fàs beairteach an ealamhachd. Tha daoine ann cho faoin ’s gu ’n creid iad sanasan a chuirear g ’an ionnsaidh a’ tairgse dùblachadh no eadhon coig-fìllteachadh airgid an ùine ghoirid. Cha stad iad ri fheòrach ciamar a tha ’n t-airgiod ri bhi air a chosnadh. Na ’n deanadh iad sin, dh’ innseadh am breithneachadh féin dhaibh nach coisinn airgiod ann an gnothuch dligheach sam bith ach riadh cuimseach, agus neach sam bith a thairgeas barrachd air sin, nach eil na bheachd ach an riadh ’s an calpa chumail aige fhein. Is còir do dhuine sealltainn gu math roimhe mu ’n teid e chur a mach airgid a dh’ fheuchainn ri probhaid mhor a dheanamh. Mur seall e roimhe seallaidh e na ’dhéigh. THA Mr. Tarte ag ràdh mur teid slàinte Sir Wilfrid Laurier am feobhas air an t-samhradh so tighinn gu ’n sgaoilear a’ phàrlamaid ’s gu ’m bi taghadh ann deireadh an fhoghair. Tha cuid de na paipeirean cuideachd dearbh chinnteach gu bheil Sir Wifrid tinn, ’s nach bi a làithean buan mar Phriomh Mhinisteir. Air an laimh eile, tha a chàirdean ag radh gu bheil e cho slàn ris a bhreac, tha e fein ag radh nach eil eucail sam bith a cur ris, ’s tha iadsan a bha faisg air aig fosgladh na pàrlamaid ag innse nach robh bheag de dhreach a’ bhàis ri fhaicinn na ghnùis. Ma tha Tarte ’s na paipeirean airson Laurier a chur á dreuchd ’s olc an aisling air an dùrachd a bhi toirt orra fein a chreidsinn gu bheil e ri bhi air a thoirt as an rathad leis an teachdaire ghruamach. [TD 146] [Vol. 11. No. 19. p. 2] Am Mod. ’S gann gum fàs na Gàidheil sgìth idir a’ bhruidhinn mu ’n Mhòd. Tha iad a’ cua ùigh mhòr ann, ’chionn bha iad tuillidh a’s fada gun latha féille de’n t-seorsa so agus tha mar sin barrachd annais aca dheth. Tha sinn toilichte ’chluinntinn gum bheil a choltas air gun soirbhich leis gu math air a’ bhliadhna so ann an Inbhirnis. Cha ghabh e ràdh mu thimchioll a’ bhaile so mar a theirte ’n uiridh mu thimchioll Dhun-deagha, nach’ eil còir no gnothach aig a’ Chomunn Ghaidhealach taghal ann. Ma’s fìor na th’ air a ràdh tha mòran dhuaisean ri bhi air an tairgse aig an ath chruinneachadh. Tha ’n t-airgead, a reir coltais, a’ tighinn a’ stigh gu math bras. Tha aon ni dh’ ionnsuidh am bu mhaith leinn aire ’Chomuinn a tharruing mu’m bi e tuillidh a’s anamoch—’s e sin gum bheil e do-sheachnaidh feumail gun rachadh feadhainn de luchd-breith ùr a chur air leth. Tha beachd againn air dithis no triuir a tha a’ suidhe ’n an luchd-breith a h-uile bliadhna bho’n a chaidh am Mod a chur air bonn, agus cinnteach gu leoir tha iad toillteanach air anail bheag fhaighinn a’ nis. Aithnichidh iad lamh-sgriobhaidh a h-uile duine a tha cleachdadh Gàidhlig a chur air paipear eadadar Maol Chinntìre agus an Rudha Garbh. B’ fhada bh’ uainn a shamhlachadh ris na daoine grinn, ceanalta gun deanadh iad mi-bhuil de’n eolas so. Tha fhios againn gun sgoilteadh iad an ceartas cho fhad ’s bu léir dhaibh gu leud na ròine. Ach cha dhùin sin beul an t-sluaigh. ’S còir do luchd-breith a bhi, mar a bha bean Cheasair, os ceann droch amharuis. Gu cinnteach tha gu leoir do Ghàidheil fhòghluimte ri fhaotuinn deas ’us tuath gun a bhi tuiteam air an aon sgioba ’h-uile bliadhna. Aon fhacal eile. Cha tig an latha ’s cha chiar an tràth a bhios fìor shoirbheachadh air a’ Mhòd cho fhad ’s a bhios gach gnothach ’us eile ’bhuineas dha air an giulan air an aghaidh ann am Beurla. Mur h-eil an t-seann chànain comasach air seasamh air a casan fhéin gun a’ Bheurla ’bhi ’cumail taice rithe, ’an ainm an àigh tuiteadh i. ’S e ’luathas fheabhas. Ach, tha cuid de Ghàidheil a tha coma ach a bhi ’g an suathadh fhéin ri Iarla Rosebery agus ri daoine móra coltach ris—agus biodh a’ Ghàidhlig a’ dol. Gu fìrinneach tha an tuarasdal aca!—An t-Obanach. Duine Riaraichte. Tha aon a choisinn “Clarsach an Doire” le luchd-gabhail ùra fhaotainn do MHAC-TALLA a’ sgriobhadh mar a leanas:— “Fhuair mi an leabhar-òrain luachmhor sin a chuir sibh ugam, “Clàrsach an Doire,” agus gu firinneach b’ e ’n duais e da-rireadh air-son na rinn mise de chuideachadh le MAC-TALLA. Tha dòchas agam gu’n seas an luchd-gabhail ùr a fhuair mi as leth ur paipeir gasda ’s cainnt an sinnsir mar a sheasadh na laoich sgairteil o’n d’ thainig iad os leth tir an dùthchais. “Mu’n do thog MAC-TALLA a cheann as a’ chreathail, cha robh luchd-leughaidh Gàilig ach tearc ri ’m faotainn anns an àite so. Ach an diugh ’s ann tha e ’cur iongantais orm cho fileant’ a theid aig gillean ’s aig nigheanan òga ’sa chearn so air a leughadh” B’ fhearr Leis Mart. Chaidh tuathanach Eirionnach do bhùth a cheannach speala. An deigh dha an gnothach sin a dheanamh, dh’ fheòraich am marsanta dhe an ceannaicheadh e rothair. “Gu de ’n rud a tha ’n sin?” ars an t-Eirionnach. “Tha,” ars am marsanta, “uidheam da chuibhleach air am faod thu marcachd air feadh a’ bhaile.” “Seadh, dìreach; agus gu de chosdas i dhomh?” “Coig puinnd deug.” “B’ fhearr leam na coig puinnd deug a chur a cheannach mairt.” “Ach nach ann ort a bhiodh coltas an amadain a’ falbh air feadh a’ bhaile a’ marcachd mairt.” “Agus saoil thu fhein,” ars an t-Eirionnach, “nach ann orm a bhiodh coltas an dearg amadain na ’m shuidhe fo rothair a’ feuchainn ri ’bhleoghan.” A Pharlamaid Bhreatunnach. Tha ioma sgeul r’a chluinntinn mu na cùisean a bhios air an toirt fa chomhair na Pàrlamaid. A thaobh Albainn bidh oidhirp air a deanamh air achd ùr a thoirt a mach air son riaghladh reic na deoch anns na tighean-òsda. Bidh facal no dhà ri ràdh mu’n tig an t-achd so a mach; ach tha e soilleir gu’m bheil na bunabhasan ris an do ghabhabh an Sasunn gu bhi air an aideachadh an coitcheannas anns an achd Albannach. Ach tha cùisean trom eile ri tighinn fa chomhair na Parlamaid. Tha achd air son fòghluim a dhith araon air son Albainn agus air son Lunnuinn. Bidh connspoid gu leòir timchioll air na ceistean so. Maille riu so tha aon cheist eile ann a bhios gun teagamh ’na h-aobhar deasbuid is cianalais,—’s e sin staid laghan an fhearainn ann an Eirinn. Cha ’n urrainnear a ràdh gu dé a thig a mach an lorg na h-oidhirp ùir so eadar tighearnan an fhearainn agus na tuathanaich. Tha na h-Eirionnaich an dùil gu’m bi na Breatunnaich ullamh gu bhi toirt dhoibh de dh’ airgiod na dh’ iarras iad air son an cùisean féin. Ciod air bith a fhuair na h-Eirionnaich cha d’ fhuair na Gàidheil ach glé bheag an cuideachadh ’nan éigin mu chùisean an fhearainn. Tha dùil aig na h-Eirionnaich gu’m faigh iad creideas mòran mhuilleinean o’n Stàit a chur an cùisean an òrdugh.—Oban Times. Tha Martineau, an cléireach a chuireadh an greim air-son suim mhor airgid a ghoid á ionmhas na dùthcha, air fhaotainn ciontach, ’s tha aige ris na seachd bliadhna tha ’tighinn dhe ’bheatha chur seachad anns an tigh-obrach. Thatar ag radh gu robh Martineau a’ ceannach stocks nuair thòisich e ri cromadh air airgiod na dùthcha. Bha toil aige fàs saibhir an ùine ghoirid. Tha e na ’ni iongantach gu’m biodhte ’cumail nan leabhraichean na ’leithid de dhòigh ’s gu’m biodh e comasach do chléireach òg mar bh’ anns an fhear so uiread airgid a ghoid gun ionndrainn na bu luaithe. Ach tha comhairle air a suidheachadh gu amharc anns a’ chùis sin agus gu gach coire gheibh iad an dòigh cumail nan leabhraichean a cheartachadh. Bhrist teine mach anns a’ mhèinn aig Dominion No. 1 tràth ’sa mhaduinn an dé. Fhuaireadh a chur as beagan an déigh mheadhain latha. Bha deich no dusan each air am mùchadh leis a’ cheò, ach cha d’ rinneadh leòn sam bith air duine. Cha robh ach earann bheag dhe ’n mhèinn na ’teine, ’s mar sin cha ’n eil an call gle throm. Bidh an obair a’ dol air adhart mar a b’ àbhaist an ceann beagan làithean. Tha Sir Tomas Lipton a’ deanamh deiseil gu aon ionnsaidh eile thoirt air cupan na h-America a thoirt a null thar cuain. Bha a’ bhirlinn leis am bheil e ’dol a thoirt na h-ionnsaidh air a cur air fairge Di-màirt, la Fheill Pàdraig. Bha ’n t-Shamrock III. air a togail air abhainn Chluaidh. Tha i ann an cumadh ’s an dreach gle ao-coltach ris an da Shamrock eile. Tha Sir Tomas a’ nochdadh dichill a tha airidh air soirbheachadh. Is ann am feadh a tha thu ’stri ri dleasanasan beaga na beatha a chuiear solus dhut air brigh agus cruth lànachd na beatha. Is ann am feadh a tha thu cur an aghaidh nam buairidhean beaga a tha thu ’fàs làidir.—Phillips Brooks. Ge b’ e a phàigheas math le h-olc, thig an t-olc air féin. Gheibh an t-each iasgaidh a luchd. Thatar a bruidhinn air obair-iaruinn a chur air bonn ann am Parrsboro, N. S. Tha’n baile sin air a mheas na àite freagarrach a thaobh na mèinnean guail a bhi cho dlùth dha. Agus tha iarunn ri fhaotainn anns na beanntan nach eil fad air falbh uaithe. Air aon de rathaidean-iaruinn nan Stàidean fhuaireadh an la roimhe fear-inneil marbh air an stiùir agus an trein a’ falbh aig luaths tri fichead mile ’san uair. Mar a bha ’m fortan an dàn, cha d’ rinneadh call sam bith, oir bha rathad reidh roimh ’n trein far an robh i aig an àm. B’ e Di-màirt s’a chaidh Là Fhéill Pàdraig, agus bha e air a chumail mar a b’ àbhaist le sliochd na h-Eirinn anns gach cearna dhe ’n t-saoghal. Ann an Sidni bha ’n t-seamrag ’s an ribin uaine gu math follaiseach fad an latha, agus air an oidhche bha coinneamh chiùil aca. O’n thainig am mios so, tha an t-side briagha, blàth, side earraich cho math ’s a dh’ iarramaid. Thainig ìsleachadh mor air an t-sneachda, agus leis an teas a tha ’sa ghrein aig an àm so cha’n fhada mhaireas e. Ma leanas an t-sìde cho math so gu samhradh bidh an geamhradh ’s an t-earrach so air an àireamh am measg nan geamhradh ’s nan earrach seann-fhasanta. Tha ’n luchd-obrach air rathad-iaruinn na dùthcha, ris an canar an I. C. R., a’ bruidhinn air seasamh a mach o ’n obair an ùine ghoirid mur faigh iad àrdachadh tuarasdail. Tha iadsan a tha air pàidheadh latha ag iarraidh eadar 10c is 15c a chur ri ’n tuarasdail, agus iadsan a tha air pàidheadh mios, eadar $5 is $10 a bharrachd air na tha iad a faighinn an dràsda. Ann an siorrachd North Ontario, air an t-seachduin s’a chaidh bha Deorsa Grannd air a thaghadh mar fhear-pàrlamaid an aghaidh an Onaraich Deorsa E. Foster le faisg air da cheud bhòt a bharrachd. Bha Foster tinn roinn mhath dhe’n ùine ’n deigh dha bhi air ainmeachadh, ach bha deagh luchd-labhairt ag obair air a thaobh. Cha’n eil anns a’ Ghranndach ach duin’ òg. Tha aig Canada na ’h-ard-pharlamaid duine tha ceud bliadhna dh’ aois—an Senator Daibhidh Wark, á Fredericton, N. B. Tha e na bhall de’n t-seanadh o’n chaidh Canada aonadh. Roimhe sin bha e na ’bhall de phàrlamaid New Brunswick fad sheachd bliadhn’ deug air fhichead. Rugadh e ann an Eirinn agus thainig e mach do ’n dùthaich so nuair bha e bliadhna air fhichead a dh’ aois. Bha da threin air an glacadh anns an stoirm mhor shneachda bha ’n Newfoundland air a mhios a dh’ fhalbh, agus ruith còrr is tri seachduinean mu’n d’ rainig iad an ceann-uidhe. Roinn mhor dhe ’n ùine sin cha robh iad a’ gabhail ach da thràth bidh ’san latha, ’s cha robh aca eadar bhiadh is annlan ach aran milis, brioscaidean cruaidhe ’s ti. Fad còrr is seachduin cha robh greim feòla aca. Ann am meinn ghuail an Columbia Bhreatunnach, bha ceathrar dhaoine air am marbhadh an la roimhe le gas. Chaidh fear Seoc Mac-Leoid, duine mhuinntir Cheap Breatunn, sios do ’n mhéinn sia uairean a dh’ iarraidh nan corp. Thug e suas mu dheireadh, agus chaidh fear eile sios na àite; ach cho luath ’s a chaidh Mac-Leoid beagan am feobhas, b’ fheudar dha dhol sios a dh’ iarraidh an fhir sin. Thainig còrr is mile de luchd-imrich a nall thar cuain air an t-seachduin s’a chaidh—luchd-imrich a tha dol a thòiseachadh ri tuathanachas an Canada. Aig an àm cheudna dh’ fhàg da mhile eile Libherpool, an Sasunn, ’s bidh iad an so an ceann seachduin no deich latha. ’S iad so an luchd-imrich a tha Canada ag iarraidh. Tha e taitneach a bhi faighinn dhaoine a dùthchannan Eòrpach, ach nithear di-beatha na thig ugainn as na h-Eileanan Breatunnach le gàirdeachas. Bha stoirm uamhasach anns na h-Eileanan Poumota, ’s a chuan a Deas toiseach na bliadhna so. Chaidh mu shia ceud beatha chall. Tha Eileanan a’ chuain a Deas gle bhuailteach do stoirmeannan sgriosal dhe’n t-seorsa so. Anns a bhliadhna 1899 bha stoirm anns na h-Eileanan Samoan, agus bha sia soithichean cogaidh is deich soithichean eile air am bristeadh, ’s bha còrr is seachd fichead Eòrpach air a bhàthadh a bharrachd air àireamh mhor de nàisinnich nan eileanan. [TD 147] [Vol. 11. No. 19. p. 3] EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. I. SEALLADH AIR GLEANN DUIBHRE—IOMPACHADH CIANAIL A MHUILINN DUIBH—AN T-OSDAIR. THA iomadh gleannan bòidheach an Gàidhealtachd na h-Alba mu ’m bi smaointean luasganach fhògarach a fhuair an àrach annta ’n tùs an làithean, ag iathadh na ’n cadal ’s na ’n dùsgadh, ge b’ e cearn dhe ’n t-saoghal am bi ’n còmhnuidh. Cha ’n ’eil cuspair a’s fhiach bruidhinn air, an litreachas nan Gàidheal, co dhiubh ’s e dàn, no sgeul, no eachdraidh, nach ’eil a tòiseachadh no sgur ann an gleann. Ach ged a tha iomadh gleannan bòidheach uaine ann, le ’n trusgain fhlurach, àillidh, an tùs an t-samhraidh òig, tha a cheart uiread ann de ghlinn uaigneach, ùdlaidh, agus a bhitheas mar sin, gu duaichnidh aig a h-uile àm dhe ’n bhliadhna. B’ ann diubh so Gleann Duibhre. Bha Gleann Duibhre an uaigneas iomallach nan beann an garbh chriochan na Gàidhealtachd. Air a dheilbh le nàdar, gle choltach air-son gach creag bu ghràinde fhalach ann, ’s gach frog aognaidh ’s gach corr eile bh’ aice, ’nuair a bha Ghàidhealtachd air a criochnachadh. Bha iomadh cùil rògach ann nach fhaca sùil gréine riamh, ’s anns nach do sheall bodach na gealaich fhein, an oidhche bu shoilleara dhearrs’ a chrùisgein, o’n a ghabh e seilbh na chairtealan boillsgeil. Anns na tìmeannan a thriall, an uair a bha ’n saoghal òg, creideasach, gu h-àraidh an tuigse ’s an céill, bha Gleann Duibhre cho làn de shìthichean ’s de dh’ uraisgean, ’s dhe gach seòrsa bith mi-nàdarra eile ’s a chumadh e, agus cha b’ ioghnadh, oir cha robh bad eile ’n Alba cho fior fhreagarrach air-son an ceanna-bhaile ris, far am faodadh iad gach cleas ’s gach buidseachd ’s gach geas eile anns am biodh an ùigh a chleachdadh gu ’n toil, gun churam, gun eagal gu ’n cuireadh bith saoghalta gisreagach dhe na bha ga ’n cuairteachadh dragh orra na ’n dachaidhean dorcha. A dh’ aon fhacal, cleas na mnatha Sasunnaich ’s an Dughlasaich o shean, cha robh aig na màthraichean fad iomadh linn ach Gleann Duibhre ’mhaoidheadh air am pàisdean ’s bhiodh iad cho sàmhach ri cnoc. Ach an uair a thòisich an saoghal ri fàs glic (co-dhiu na smaointean fhein) thòisich e air cur teagamh an làthaireachd na bithean sin, mar ri làthaireachd gach rud eile nach lionadh an t-sùil chorparra. Thainig mar sin an latha ’san deach diomhaireachd Ghlinn Duibhre ’dheanamh follaiseach do ’n t-saoghal mhagail, agus gach frog is glomhas a bh’ ann a rannsachadh le bithean eile, a fhuair iad gu math freagarrach air-son àite taimh agus fasgaidh an uair a bheireadh iad gu buil gniomh dubh air choireigin nach fuiligeadh solus geal naomh an latha. B’ e so robairean a bha gabhail còmhnuidh ann fad iomadh bliadhna. Ach an drasd cha bhi moran againn ri dheanamh ris na robairean so, oir cleas nan sìthichean fhein, thainig an latha ’s an d’ fhuair iad an sgiùrsadh as, air chor ’s nach ’eil ni ùr ri fhaicinn ann ’san àm so a bheil toil againn sùil an leughadair a tharruinn uige, ach aon seann tigh dubh air an abhainn am meadhain a ghlinne. B’ e seann mhuileann a bha ’n so an tùs a làithean; ach tha iomadh latha agus bliadhna o nach do bhlais beul air min a mhuilinn duibh, agus a nis ’s e na tha de chomharran mu ’n cuairt air gu togail fianuis gu ’n robh e aon uair ris an fheum so, torr de chonnalaich ghroid an grunnd na dìge, a dh’ innseadh do neach aig am biodh sùil gheur gu ’n robh e aon uair a deanamh dleasnas ’san t-saoghal mar roth muileann. B’e so agus an t àit’ iongantach ’san robh e air a thogail na bh’ aig a’ chuairtear gus eachdraidh a sheann fheum a leughadh ’s a thuigsinn. Thainig gun teagamh caochladh air an t-saoghal, agus gu h-àraid air a mhuileann dubh, oir ’san àm so mu bheil sinn a sgriobhadh, o chionn faisg air ceud bliadhna air ais, ’s ann tha ’mhuileann dubh a deanamh a bheolaind mar thigh-òsda, ged tha sheann ainm fhathast ga ’leantuinn. Cha ’n ’eil fios againn co thug so mu ’n cuairt air tùs, no rinn an t-iompachadh truagh so air an t-seann mhuileann bhochd, ach aig an àm so a dh’ ainmich sinn, b’ e Dughall Muillear a bha riaghladh thairis air. Cha ’n ’eil fios againn ciod an t-ainm a fhuair Dughall aig a bhaisteadh, ma chaidh a bhaisteadh riamh, ach aig an àm ’sa bheil sinn ga ’thoirt fa chomhair an leughadair, b’e “Dughall dubh nan spuir” no ’n “t-Osdair dubh” mar bu trice theirteadh ris. Tha ’n taobh a stigh aig a mhuileann dubh cho cùilteach, frògach, duaichnidh ri Gleann Duibhre fhein, agus tha nàdar Dhùghaill dhuibh na ’s duaichnidhe na iad le chéile, agus tha e na dhuine cho duairc agus cho dorcha, falachaidh na ’nàdar ris an lub dhubh làthaich a bha faisg air a dhorus, aig nach d’ fhuaireadh grunnd riamh, ’s nach do leig an uachdar ni a dh’ ìobradh ann o chaidh a chruthachadh. Bha Dùghall ùine ’san arm, agus chunnaic e iomadh dùthaich chéin, anns an d’ fhuair e ’n sporan a lionadh gu fior mhath leis a chluipeireachd. B’ ann ’san Spàin ’s am Portugal a bha e mu dheireadh, le iomadh laoch a b’ fhearr, a fuadach Bhoni ’s a chuid Fhrangach as na criochan sin. B’ ann an aon de dh’ abaidean mor nan dùthchannan sin a fhuair Dughall dubh greim air ionmhas leis an do lion e phòcaidean farsuinn gu ro-mhath, ’s le sin theich e as an arm, an ruin an corr dhe ’bheatha ’chur seachad an diomhanas soghmhor an uaigneas nan gleann ’san d’ fhuair e àrach. Shiubhail e fad agus farsuinn a sireadh dion-àit a bhiodh freagarrach air a leithid, mu ’n do thuit e rathad Ghlinn Duibhre—mac-samhail inntinn fhein—a fhuair e gu math freagarrach, ’s mar sin cheannaich e seann mhuileann dubh a bha fàs ’san àm o Chaiptein Adam, do ’m buineadh an oighreachd bheag air an robh e, ’s bhuail e chipein ann. B’ e trupair a bh’ ann an Dughall dubh, agus a thaobh ’s gu ’n robh e gu math gisreagach cha do chuir e dheth na seann spuirean meirgeach riamh, na chadal no na dhùsgadh, a thaobh gu ’n deach innse dha le ban-fhiosaiche theòma, ’s bha e ga làn chreidsinn, nach rachadh a ghlacadh gu bràth fhad ’s a bhiodh na h-eireachdais mheirgeach ud ri shàiltean. B’ ann uaithe so a theirteadh na uairean “Dughall dubh nan spuir” ris. Bha e nis beagan bhliadhnachan na òsdair ’san àit’ uaigneach so, ’s leith sheana bhoirionnach ris an cainte Sallie odhar mar ainm na bean-taighe aige. Bha mar an ceudna mar eachlair aige, ’nuair a bhiodh feum air, leth amadan ris an cainte Uilleam teith, air an toir sinn iomradh na àite fhein. Cha robh an trianaid dhuairc so fada riaghladh an Gleann Duibhre an uair a bha e air aithris an cagair eagail mu iomadh gealbhan gu ’n robhas a toirt iomadh gniomh dubh gu buil fo chabair a’ mhuilinn duibh. B’ ann lethach rathaid eadar Bail’-an-Iubhair, far an robh iomadh tuathanach sòghmhor a gabhail còmhnuidh, agus criochan na Galldachd, far an robh baile margaidh agus malairt, a bha Gleann Duibhre. Bha ceum garbh coise, air am biodh eich bheaga nan cliabh uaireigin dhe ’n t-saoghal a tearnadh ’s a direadh le saic throma, a dol troimh ’n àite ’s a gabhail seachad dorus a’ mhuileann duibh. B’e so an ceum air am biodh na seann daoine tighinn leis a bhleith, ’s bha e ’s na tìmeannan sin air a chumail blàth daonnan, oir bha e air aithris gu ’m b’ e ’m muileann dubh aon de na ceud mhuilnean a chaidh a chur suas ’s na garbh-chriochan. Ach a nis cha ’n ’eil moran tathaich idir air an rathad aonaranach. Chitear an drasda ’s a rithist coisiche no marcaiche ga ghabhail, ach na ’s teirce na sin tha aoidhean ’san taigh-òsd’ iongantach so. Bidh corra shealgair seachranach a tuiteam a rathad uair is uair, agus an dràsda ’s a rithist cuairtear, air son ruamhar agus cladhach sheann eachdraidh, do ’n robh iomadh caibideil an cùirn ’s an uaimhean Ghlinn Duibhre. A thaobh an aonarain aig an robh a bheag de dh’ fhiosrachadh mu ’n àite, b’ fhearr leis gu mor a thaobh a shìneadh air a chreig ghlais ri sìde nan seachd sian na fasgadh a ghabhail aig òsdair dubh Ghlinn Duibhre. Cha mhò bha Dughall dubh fhein a deanamh stri chruaidh sam bith, mar is tric a bhios a sheorsa ’deanamh, gus am barrachd tathaich a tharruinn ga ionnsuidh. Bha da reusan aige air-son so: Gu ’n robh ’aran fuinte, deiseil, searbh gu ’n robh bheirm a thòc e; ’s gu ’n robh eagal air na ’m biodh e faoilidh, fialaidh, rud nach robh e gu nàdarra, gu ’m biodh daoine na bu tighiche air a thaghal, agus na ’m measg gu ’m faodadh fear tachairt uair no uaireigin a dh’ aithnicheadh e, ’s aig am biodh fios gu ’n robh barrachd is aon chomharra air a cholunn a dh’ fhàg iarunn dearg air. Air an aobhar sin bha Dughall doicheallach, fuasach doicheallach, ris gach aon a thigeadh ’s a dh’ fhalbhadh, ’s cha chualas aon riamh a dh’ fhàg a dhorus a miannachadh fhaicinn gu bràth tuilleadh. Thug sinn iomradh a cheana air Uilleam teith, eachlair an òsdair dhuibh, agus a nis mu ’n teid sinn na ’s fhaide tàirnidh sinn a dhealbh le beagan sgrìobagan dubha, ged a tha e fhein dearg. Cha robh fios aig aon ’san dùthaich ciod bu shloinneadh do dh’ Uilleam teith, no co as a thainig e, no c’àit’ an robh e cur seachad a chuid bu mhotha dhe shaoghal, ’s ged a bhiodh, cha ’n fhaigheadh e e, ’s cha fhreagradh e air cho math ris an ainm fo ’n robh e dol—Uilleam teith. Bha Uilleam fuasach dearg am falt ’s am feusaig, ’s bha aodann mar an ceudna cho dearg ris an sgàrlaid; a bhàrr air a sin ghabh e bhreac, a dh’ fhàg e mar mhàs miarain, ’s bhiodh daonnan, biodh ann an t-iuchar no na faoillich, braon falluis as na tobraichean lionmhor so air aogas Uilleam, agus a cur dearrsadh as a shaoileadh tu ghoileadh an coire na ’n cuirteadh air a cheann e. B’ ann bhuaithe so a fhuair e ainm. A thaobh ’s gu ’n reiceadh e anam an coinneamh adharc uisge-bheatha, bha e gu math feumail do ’n òsdair dhubh air son gach car obair dhiomhair no fhollaiseach a bhiodh aige ri dheanamh a dheanamh na éirig. Bha dùil aig an Osdair dhubh gu ’n robh e tearainte gu bràth an uair a ghabh e seilbh air a’ mhuileann dubh; ach cha robh e fad ann an uair a fhuair e mach a chaochladh. B’ ann do Ghall spòrsail, sparasach a bhuineadh oighreachd a Bheallaich a nis, ’s b’ ann do dh’ oighreachd a’ Bheallaich a bhuineadh Gleann Duibhre. B’ ann an geall a bhuannaich e i, ’s mar sin dh’ fhàg i a réir coltais gu bràth lamhan an t-seann teaghlaich chòir Ghàidhealaich, a bha fad iomadh linn ga ’sealbhachadh an onair ’s am meas aig an coimhearsnaich. B’ e Caiptein Adam an t-ainm a bh’ air an òganach so, ’s bha e aig an àm so air a chommission ’s an arm a reic, ’s le ’dheise Ghàidhealach, a caitheamh le stròdhalachd ’s a buain an ni nach do chuir e, co ach esan! Bha tigh a’ Bheallaich a nis làn de spioraid thaghte aig [TD 148] [Vol. 11. No. 19. p. 4] Caiptein Adam, a bha cur seachad na h-ùine ri òl, ’s ri cluich, ’s ri gìll, air chor ’s gu ’n robh an taod air a chumail teann daonnan, ’s mar sin cha robh chùis coltach gu ’n seasadh e ’n tarruinn so fada. Air latha àraidh chaidh Caiptein Adam a shealg, ’s o’n a bha ’n aimsir car blàth ’s am pathadh air a nis daonnan, bhual e aig dorus a’ mhuileann duibh a dh’ iarraidh deoch bu treise na ’m bùrn. B’ e so a cheud uair a sheas iad aghaidh ri aghaidh o’n a ghabh Dùghall sealbh air an àite, ach a nis a cheud shùil a thug Adam air an Osdair dhubh dh’ aithnich e e, oir chunnaic is chual’ e uime ’s na làithean a dh’ aom. Mu ’n do dh’ fhàg Caiptein Adam am muileann dubh, leig e fhaicinn do ’n fhear eile gu ’n robh fios aige có e, agus air do ’n òsdair a dhol as àicheadh, thug an Caiptein, a bha òg, lùthmhor, tàrradh, is shròic e nuas an còta ’s leig e ris a ghualainn, a nochdadh gu soilleir nan athailtean nach gabhadh falach. Cha robh comas air; bha e air a ghlacadh. Ach bha Caiptein Adam air son feum a dheanamh dheth, ’s cha b’ ann idir a thaobh e bhi daonda a chum e gun an t-òsdair a bhrath ’sa mhionaid, ach a thaobh ’s gu ’n robh e faicinn ga ’m faodadh e bhi ro fheumail dha ’s a sporan a fàs gu math aotrom ’s an àm. Mar sin thug e chùis mu ’n cuairt a réir a mhiann, ’s chaidh cùmhnant a dheanamh eadar na seòid—ùmhlachd agus sporan fialaidh air an darna taobh, agus sàmhchair air an taobh eile fhad ’sa mhaireadh an da chuid. Mar a ceudna bha air an oighreachd chrion aig Caiptein Adam dà bhantraich. Aig té dhiubh, bantrach an t-saighdeir bhàin, bha aona mhac do ’m b’ ainm Eobhain bàn. Bha Eobhain na ghille cho dreachar ’sa bha ’san dùthaich ri latha, agus b’ eòl do dhaoine ainm na b’ fhaide air falbh na nàbachd. Ach b’ ann mar shealgair a bha e ainmeil; oir cha robh fear eile eadar da cheann na dùthcha bu chinntiche sùil air chùl gunna no a b’ eòlaiche ’s gach àite ’n tadhladh am fiadh ’s an earb ri Eóbhain bàn mac an t-saighdeir. Aig a bhantraich eile, bantrach a’ phìobaire mhóir, bha aon nighean, Una dhonn, caileag a bha gu math os cionn a chumantais am bòidhchead pearsa, ’s air gach dòigh a bha tlachdar do ’n t-sùil; a thaobh a cridhe ’s a h-inntinn nochdaidh an eachdraidh so an robh iad a tighinn a réir an taobh am mach. Ann an dachaidh bantrach an t-saighdeir bha nighean òg a gabhail còmhnuidh a thogadh ann o bha i na leanabh. ’S e Mairi Ros a b’ ainm dhi, ach b’ e Mairi bheag an dùin a theirteadh rithe gu cumanta. Bha ’h-athair na ’chompanach aig an t-saighdeir bhàn o òige, ’s an uair a thuit e ri ’thaobh an àr fuilteach dh’ fhàg e air a chùram a bhean òg ’s am pàisde bha gun bhreith. Cha do thog an òg bhean a ceann riamh an uair a fhuair i sgeul a bhròin, ’s mar sin dh’ fhàgadh an naoidhein aig an t-saighdeir bhlàth-chridheach ’s aig a mhnaoi chòir, is dh’ fhàs i suas na h-ighinn ghrinn, bhòidhich, a bha banail, beusach na ’giulan aig gach àm ’s anns gach àite. Dh’ fhàs i fhein is Eobhain suas comhla, agus an uair a thainig iad gu aois bha gach aon a smaointean nach b’ urrainn Eóbhain na b’ fhearr a dheanamh na Mairi bheag shiobhalta ’phòsadh. (Ri leantuinn.) “ALBANNAICH BHOCHD!” (Sgeulaiche nan Caol). SHEALL a h-uile neach a bha stigh air a chéile, agus fios aig a h-uile neach a bh’ anns an dùthaich gur h-e Dùghall Peanseanair féin, le còmhnadh cuid de na coimhearsnaich, a thog an tigh. “S e tha mi ciallachadh le sud,” arsa Dùghall, “gur mi fein a thog an tigh; ach mur bhi gu’n do thog, Iain Mac-a’-Ghobha mise air oidhche shònraichte, cha togainn-sa ’n tigh so no tigh eile gu bràth.” “Am bheil sibh ag ràdh rium,” ars an duine bochd, “gu ’m bheil Iain, mo bhràthair, beò?” “Ma ta,” arsa Dùghall, “tha mi ’n dòchas gu ’m bheil; bha e beò slàn anns an t-Samhradh so chaidh, ’s e ann am Bail’-atha-cliath an Eirinn. Tha seana chompanach agamsa, aig am bheil bùth air a’ Bhrumalà ann an Glaschu, ’s tha e glé eòlach air do bhràthair, chionn bidh malairt eatorra; cha ’n ’eil uair a chluinneas mi bhuaidhe nach faigh mi naigheachd do bhràthar. “Thachair Iain Mac-a-Ghobha agus mise air a chéile ann an dòigh neònach. Ach ’n uair a chuimhnicheas mi, cha robh e neònach idir; ’s ann a tha e neònach gu’n do thachair Seumas, a bhràthair, agus mi fein air a chéile. Ged a dhianainn-sa do leaba so nochd, a Mhic-a’-Ghobha, ’s fhada fo ’n chomaine sin mi, do neach anns am bheil boinne de dh’ fhuil Iain Mhic-a’-Ghobha, no ’thainig as an aon dùthaich ris. Rinn e féin mo leaba-sa oidhche àraidh; ach tha mi creidsinn gu’m bi thu smaointinn gur i leaba neònach a bh’ ann, bha i air a dianamh eadar dà chlosach eich.” “Tha mi car a’ tuigsinn,” arsa Mac-a’-Ghobha, “gu ’n robh sibhse ’san arm, sibh féin. Ach tha ’n t-ainm Mac-a’-Ghobha fuasach cumanta ann an Eirinn, ’s dh’ fhaoidteadh nach h-e mo bhràthairsa a thachair oirbh idir.” “Cha ’n eil dh’ fhaoidteadh mu ’n chùis,” arsa Dùghall. “Cha mhor nach d’ thubhairt mi cho luath ’s a chunnaic mi t’ aodann, ‘an tù th’ ann Iain’ gus na chuimhnich mi gu ’m bheil e a dhà mheud riut-sa agus mu fhichead bliadhna na’s sine na thu.” “Tha e dìreach uime sin,” arsa Mac-a’-Ghobha, chuala mi mo mhathair ag ràdh, uair is uair, gu ’n robh miann dearcaig air ceann na malaidh cli aige.” “Tha sin ann,” arsa Dùghall, “ach tha miann eile ann an diugh, nach fhaca do mhathair, ’s tha mi duilich a radh nach eil e cho bóidheach ri miann na dearcaig. ’S e h-ann làrach peilear an Fhrangaich air a’ ghruaidh chlì aige, ’s leanaìdh e ris co fada ’s a leanas an dearcag fein ged a rugadh leis i. Bha thu ’g ràdh, gu ’n robh thu ann am beachd gu ’n robh do bhrathair aig Waterloo; bha e ann an sin, agus bha mise ann cuideachd. Tha mi cinnteach gu ’n cuala tu mòran mu Waterloo. ’S iomadh rud a chuala’ mi a thachair aig Waterloo, ach ma thachair iad cha ’n fhaca mis iad. Ach co dhiu, ann an dol fodha na gréine, air an latha ainmeil ud—agus gu dearbh ’s ann fodha dh’ fhaodadh i bhi fad an latha air son na chunna sinne dhith—ach ’n uair a dhlùthaich an t-am aice gu dol fodha, chuala sinn an ceòl bu bhinne a chuala sinn riamh. Tha fios agam gur h-e ceòl bu bhinne a chuala mise; b’ e sin bùireanaich ghunnachan mora nam Pruiseanach a leig a thuigsinn dhuinn gu ’n robh iad na bu tinne oirnn na shaoil sinn. Agus cas as a dhéigh sud, thug an Diùc an t-òrdugh do’n d’ thug sinn dùil; b’e sin, mar a thuirt an Corpolar MacFhionghain, dol agus na Frangaich a thoirt gu casgairt làmh. “Dh’ fheuch Ralph gach dòigh a chleachdadh leis, ’S an diante sròil a thaisbeanadh; ’S a dh’ aindheoin seòltachd dh’ fhairtlich oirnn An toirt gu casgairt làmh.” “Agus ged a bhiodh an t-òrdugh ud gu ’r leigeil ma réir gu ’r suipeir, agus gu ’r leabaidh—’s faic thusa, ’rìgh! ’s gu ’m b’ fheumach air an dà chuid sinn—ach ged a bhiodh an t-òrdugh gu ’r leigeil ma reir, mar a thubhairt mi, cha b’ urrainn gu ’m biodh e air gabhail ris le ’leithid de ghàirdeachas. Mar gu’n tilgteadh an iall thar amhach nan gadhar ’san fhaghaid ri sliabh, mar thonn an déigh tuinne air an tanalach; mar dhaoine air mhisg, no air bhoil, bha a’ chuideachd anns an robh mi fein a’ cur na réis ris na h-eich ghlasa, a chaidh seachad oirnn, le siuthadh naoisg, ’s e dol mu thàmh, an spuir ’gan sparradh, agus gaoir na mire-chath, ‘Albainn gu bràth’ a’ bàthadh as ar cluasan nuallanaich chanan an Fhrangaich, a bha mu ’n àm ud a’ fannachadh. Ach cha deachaidh mise fada, ’n uair a thuit mi; ’s feumaidh mi aideachadh nach robh fiughair agam gu ’n éirinn gu bràth. Bha mi faireachdainn m’ fhuil bhlàth ’na caochan a’ ruith sìos mo thaobh, as an lot a bha fo chnaimh na guaille agam, ’s cha b’ e sud bu mhò a thug de phian dhomh, ach mar a bha mi air mo shaltairt fo chasan dhaoine agus each. Bha mi ri ciùchran bròin rium fhein ann an Gàidhlig, ’n uair a dh’ fhairich mi làmh neach ’ga cur fo chùl mo chinn, agus làmh eile fo bhac ’m easgaid; ’s chaidh mo thogail cho sgiobalta, ’s a thogainn-sa am balachan sin. Agus cha robh mi aotrom an latha bh’ ann an sud. Dh’ fhosgail mi mo shùilean agus chunnaic mi gu ’n robh mi air mo ghiùlan le gille mòr òg dreachail, ann an éideadh uaine, aon de na Réisimeidean Eireannach. ’N uair a thuig e gu ’n robh mo mhothachadh agam, thuirt e ann an deadh Ghàidhlig, ‘Albannaich bhochd.’ Leig e sin air làr mi eadar dà each mharbh; thug e mach an sgian, agus ghearr e mo chòta mu choinneamh an leòin; thug e stiall aodaich a bh’ air oifigeach Frangach a bha marbh ri ar taobh, leis an do cheangail e mo lot. Fhuair e ’n dà chuid fìon agus uisge ann am pòcannan nan diolaidean a bh’ air na brùidean bochda a bha marbh air gach taobh dhiom. Chuir e am fìon ri m’ bhilean ’s dh’ òl mi deur dheth; chuir e ’n sin am botul ri ’bheul, leis na facail so, “Tha so gu slàinte Bhlucher.” Leig e ’n sin am botul sios làmh rium, ’s thuirt e gu ’n robh dòchas aige nach b’ fhada gus an tigeadh feadhainn da ’m b’ fhearra b’ aithne sealltainn as mo dhéigh; ’s dh’ fhalbh e. Ged a bha buidheann an dràsd ’sa rithisd a’ dol seachad orm, cha robh iad cho lìonar, ’s a bha iad ’n uair a thuit mi; agus bha closaichean nan each ga m’ dhìon o bhi air mo shaltairt fo ’n casan. Ged a bha aig an àm ud, na gunnachan mòra, ach beag air stad, bha clach-bholg nan gunnachan caola, cho cruaidh, mur a robh na bu chruaidhe na bha e riamh. Ged a bha na Gearmailtich car màirnealach ’san tighinn, ’n uair a thainig iad cha do chaomhain iad luaidhe. Ach ged a dh’ fhaotainn a ràdh gu ’n robh, aig an am ud, an cath seachad, aig mo chompanaich, cha robh e agamsa, agus aig iomadh fear a bhàrr orm. ach a’ toiseachadh. Ged a bhiodh gach cànain ’san Roinn-Eòrpa air mo theangaidh bu dìomhain domh dol a dh’ fheuchainn ri uamhas na h-oidhche ud a chur ann am briathran beòil. ’N uair a thréig fuaim a’ chath an t-achadh air am bu chruaidh fad an latha e, ’s a laidh sgàil thiamhaidh na h-oidhche air gach nì mu ’n cuairt, dh’ éirich osnaich mhuladach a’ bhròin, obagan deireannach a’ bhàis, o iomadh creutair a bh’ air dhroch càradh, séideil throm nam brùidean balbh, a bha ’fulang cràidh cho math ruinn fhein, ged nach robh am faireachdainnean a’ tighinn ann am briathran bhuapa. Agus a dhùblachadh nan uamhas thòisich an sin na daoine—no na diabhuil ann an riochd dhaoine—air an obair sin a tha ’na tàmailte do’n chinneadh-daonna: ’s e sin a bhi spùinneadh na bha marbh agus leòinte air an achadh an déigh a’ chath. Agus truaillidh ’s mar a dh’ fheumadh inntinn neach a bhi mu ’n rachadh e a ghoid o ’n leointe bhochd no o’n chorp a bha marbh air an làr, saoil an stadadh clann an athar aig a sud, ’s iad fein nach stadadh. Rachadh an stàilinn ghorm a sparradh gu talamh ann [TD 149] [Vol. 11. No. 19. p. 5] ’s gach creutair truagh, ’san robh de bheatha no de neart na dh’ fheuchadh ri dad de na bh’ aige a chumail bhuapa. Thug mi tacan fo eagal gu ’n robh iad a’ tighinn far an robh mi, ’s cha b’e an t-eagal gu ’n caillinn dad de na bh’ agam: cha robh e trom ri ghiùlan. Co dhiù, thàinig faragradh air chor-eiginn orra, agus dh’ atharraich iad an cùrsa gu clis, ’s cha d’ thainig iad gu ’m chòir. Ann am marbh na h-oidhche bha tosd na h-uaighe mu ’n cuairt orm, agus mar gu ’m b’ ann a thoirt orm féin a chreidsinn nach robh mi cheana fo ’n fhòd, thug mi làmh air an uisge a bha ri m’ thaobh, agus bha mi toirt deur as. Chunnaic mi duine, is e tighinn air a mhàgan a nuas far an robh mì; agus ’s e shaoil mi gu ’m b’ e h-aon de chlann mhic-mhallachd air an d’ thug mi iomradh cheana bh’ ann. ’N uair a thainig e na b’ faisge orm, chunna mi gu ’n robh e ann an éideadh Frangaich, ’s cha d’ fhàg sud mo bharail dad ni b’ fhearr uime. Bha e ag ialadh na bu dlùithe orm, agus an sin mar gu ’m biodh e air toirt thairis, leig e cheann air an làr, agus thainig osna throm o chliabh, is thuig mi gu ’n robh e a’ gairm air ainm a Chruitheir. Their na Frangaich, ‘Dia’ mar a their sinn anns a’ Ghàidhlig. Thog e rithisd a cheann, agus thuirt e ann an trì facail de Bheurla, ’s tha mi ’m beachd gur h-e sud na bh’ aige de ’n chainnt sin, thuirt e,” ‘O, Shasunnaich, uisge.’ Thog mi ’n sin am botul leis an laimh a bha ma réir agam; shìn mi ’na rathad e, chionn cha b’ urrainn mi éirigh. Mhàgrain e far an robh mi, agus cho luath ’s a fhuair e ’m botul ’na laimh chuir e ri bhilibh e, ’s cha d’ fhàg e deur air a mhàs. Bha e ri gu leòir de sheanchas, a’ togail ’s a’ cromadh a chinn a’ toirt taing dhomh, tha mi smaointinn, ged nach robh mise tuigsinn smid de na bha e ’g ràdh. Thug mi ’n sin air lom am botul ’san robh am fìon; bha mi air son deur a thoirt dhà dheth, ach air eagal gu ’n deanadh e air an fhìon mar a rinn e air an uisge, thug mi fhéin làn mo bheòil an toiseach as, mu ’n d’ thug mi dhà e; ach cha deachaidh e chòir cho domhain anns an fhìon ’s a chaidh e anns an uisge; thug e deur as, ach dh’ fhàg e deur math ann, agus shin e ugam am botul air ais. ’S minig a bhios mi smaointinn rium fein ’n uair a chuimhnicheas mi air an dòigh ’san robh am Frangach agus mi fein a’ cur seachad na h-oidhche còmhla; na ’n do thachair sinn ni bu tràithe ’san latha, is sinn ’nar éideadh, gu ’m biodh atharrachadh cluich againn. Ach ann an glasadh an latha, thainig cuideachd eile oirnn ri ’n d’ rinn mo chridhe gàirdeachas; b’ iad sud a mhuinntir ud a bha sealltainn as déigh na bha leòinte air an achadh fhuilteach ud. Thug iad leò mise, ’s thug iad leò ’m Frangach cuideachd; ’s bha mi toilichte, ged is iomadh fiùran àluinn a tha nochd a’ cnàmh ann an ùir choimhich, a dh’ fhaodadh a bhi beò slàn ann an tìr a dhùthcha, mar tha mise, na ’n do nochd na Frangaich an truacantas ceudna do na daoin’ againne, ’n uair a thachair gu ’n fhuair iad an cothrom. Co dhiù, bha crìoch air an latha ainmeil ud, agus bha crìoch air rud a b’ uamhasaiche leamsa na’n latha; b’e sin an oidhche as a dhéigh. ’S minig, uaidhe sud, a ghuidh mi air Rìgh nan-dùl gu ’n tugadh e ’na thròcair dhomh, nach bidhinn leth-uair de thiom gu bràth tuillidh, air àraich nan leon agus nam marbh, ged a b’e mo chrannchur gu’m feumainn dol ann an teas nan tri-fichead cath. Ach a chum sgeul fhada a ghiorrachadh, cha deachaidh Iain Mac-a’-ghobha, fada an déigh mise fhàgail, ’n uair a leònadh e féin, an toiseach air a ghruaidh, agus a rithisd anns an taobh. ’S cha robh a chor air an oidhche ud, dad ni b’ fhearr, mur a robh e ni bu mhiosa, na mo chor fein. Ach co dhiù, thuit e mach gu ’n do dh’ aithnich sinn a chéile, anns an àite ’san robh sinn air ar n-eiridinn, ’s anns an d’ thug sinn ioma latha as a dhéigh sin.” An uair a ghabh Dùghall Peanseanair, agus a theaghlach, mu thàmh air an oidhch’ ud, thug Dùghall fada ’na dhùsgadh, a’ smaointinn air ioma ni, agus gu sònraichte air cho miorbhuileach ’s a thig an roth sin mu ’n cuairt ris an abair sinn tuiteamas. Cha robh ach bòrd glé thana mar bhalla tarrsainn eadar Dùghall agus an t-Eireannach, agus mu ’n do dhùin am fear ud a shùil ann an suain, ged nach robh a bhriathran ach ìseal, thionndaidh e chridhe ann an taingealach ri Athair nan gràs, a stiùir agus a thug sabhàilt’ e gu ionad blàis agus fasgaidh. “Cha bhriathran a dh’ fhàg cleachdadh réidh, Mar theirear ann an éisdeachd sloigh, Ach taingealachd an tròcair Dhé, Gach facal, srad o éilibh beò.” Ged nach robh ann ach am bleidire bochd, bha tuillidh taingealachd ’na ùrnuigh na bh’ ìnnte de dh’ iarrtas, ged a bha e ’guidhe beannachadh Righ nan Neamh a bhi chòmhnaidh air an tigh ’s air an teaghlach o ’n d’ fhuair e leithid de bhlàs agus de chaoimhneas. Anns a’ mhaduinn an la-ar-na-mhàireach, ged a b’ àrd na cuitheachan sneachd, bha Mac-a’-ghobha air son gabhail air aghaidh air a thuras gu deas; ach ’s beag fios a bh’ aig an duine bhochd cho eu-comasach ’s a bha e dha sud a dheanamh. “Cha téid, cha téid,” arsa Dùghall. “Cha ’n e so dath a bhios air an dùthaich ’n uair a dh’ fhàgas tusa Gleann-alltain. Cha ruig thu leas a bhi diomhaineach, tha coirce ’san t-sabhall ri bhualadh, treud ri ’m biathadh, ’s ’n uair a dh’ fhalbhas an sneachd, tha talamh ri leasachadh, ’s ri ruamhar. Tha mi fuasach fada ’nar comaine,” arsa Mac-a-ghobha, “agus ma tha lìon agaibh ri ghiollachd, tha mi glé mhath air an obair sin, ’s bi mi fuasach toilichte tacan a thoirt air.” Fad iomadh bliadhna as a dhéigh sud, cha robh anart ri fhaicinn, air feadh na dùthcha, cho smasmhor ri anart Ghlìnn-alltain, ’s bha e daonnan air a ràdh gur h-e ’n t-Eireannach a dh’ ionnsaich dhoibh mar a ghiollaichdeadh iad e. Thug Mac-a’-Ghobha iomadh latha sona ann an Gleann-alltainn; rachadh aoidh ’us furan a dheanamh ris anns a h-uile tigh ’sa bhaile, anns an rachadh e air chéilidh, chunnaic e uidhir de bhòcain ’s de shìthichean ri neach a bh’ anns a’ bhaile, no mar a theireadh e fein: ‘Ban Sìth,’ agus a’ chuid nach faca e féin dhiu, chunnaic a sheanair iad ann an Eirinn o chionn fada. Bha ’m pòr ’san talamh, ’s a mhòine buainte, ’s a’ chuthag ’na seusdar mu ’n d’ fhàg Mac-a’-ghobha Gleann-alltain. Agus an latha dh’ fhalbh e, ’s e air a sgeadachadh gu math o mhullach gu bhonn, le boineid ghorm, ’s le dheise chlò, tharrainn a choslas o iomadh neach a chunnaic a’ dol seachad e, seann-fhacal a bha cumanta ’san àite, ’n uair a chitheadh iad neach ann an deise ùr, “Mo chùl ris an luideig, ’s e ’n duine an t-aodach.” Greis as a dhéigh sud, fhuair Dùghall Peanseanair litir o sheana chompanach a bh’ ann am Bail’-atha-cliath an Eirinn, agus bha i a’ criochnachadh car mar a leanas:—“Bidh cuimhn’ agad, gu ’m b’ àbhaist do na Sasunnaich a bhi fàgail oirnn gu ’n robh sin gisreagach, ach ’s minig a rinn an Sasunnach briag mhòr le beagan de ’n fhìrinn. Ach cha ’n eil fios agam nach bi thu féin ag ràdh gu ’m bheil mise gisreagach, ’n uair a dh’ innseas mi dhuit gu’m robh mi latha o chionn athghoirid, agus o ’na dhùisg mi ’sa mhaduinn gus an d’ thainig am feasgar, gu’n robh smaointinnean mu dhachaidh m’ òige a’ tighinn ann am inntinn gun tàmh. ’Nuair a bha mi tighinn dhachaidh troimh ’n t-sràid feasgar, bha mo phàrantan ’s mo bhràithrean agus mo pheathraichean, daonnan a’ tighinn ann am ìnntinn, ’nuair a thàinig caileag bheag, nighean domh, ’na ruith ann am chòmhail. Cha do ghabh mi ioghnadh as a sud, a chionn gur h-àbhaist dhith a dheanamh; ach cho luath ’s a fhuair i ann an asdar seanachais dhomh, thuirt i, ‘Athair, tha Albannach a stigh a’ feitheamh oirbh.’ Cia mar tha fios agad” arsa mise, “gur h-e Albannach a th’ ann?” ‘Tha,’ ars ise, ‘tha boineid air.’ “’S math tha cuimhn’ agam, an uair a dhealaich sinn, gur h-iad na facail mu dheireadh a thuirt thu rium—‘Cha phàigh mi gu bràth dhuit do chaoimhneas dhomh.’ Ach, mo dheagh charaid, ’s math a phàigh thu dhòmhsa do leaba a rinn mi dhuit air oidhche shònraichte eadar dà chlosach eich.” MAC IAIN SHROIN-AN-T-SITHEIN. AIR do na Caimbeulaich oighreachd Ard-na-murchann a spionadh le foirneart o chloinn Iain, bha ceann-teaghlaich do’n chinneadh sin, Raonull Glas, fear Shroin-an-t-Sìthein, a chum a chuid fearainn aimsir an deaghaidh d’ a chàirdean gu léir géilleachdainn. Fadheòidh, chuireadh buidheann lìonar, làidir gu cur as da. Fo dhubhar na h-oidhche, chuartaich iad an tigh. Bha ’n seann laoch gaisgeil ’na aonar, gun fhear-còmhnuidh dlùth dha—gun neach a b’ urrainn cuideachadh leis, ach a mhac, Raonull Og, ’s gun esan ach cóig bliadhna-deug a dh-aois. Bha dorus air gach taobh do’n tigh, agus chuir e ’mhac a dhìon an doruis-chùil; ach cho luath ’s a dh’ fhàg ’athair e, thug an t-òganach a chasan ás. ’N uair a chunnaic an gaisgeach neo-thiomchridheach gu’n d’ fhàgadh air a làimh fhéin e, mar a bha ’n ceard ’s a’ chaonnaig, smaointich e nach robh feum fuireach ni b’ fhaide; ach ged bu chruaidh a bhi air fhògairt le ainneart bho làraich a shìnnsear agus an tighe ’s an deachaidh àrach, ’s e ’chràidh a chridhe, gu ’n do threigeadh ’n a théinn le mhac e, mar ghealtaire nach b’ airidh air ainm nan tréun bho ’n d’ thàinig e. Ged a bha ’n tigh air a chuartachadh le naimhdean gamhlasach, ghlac e ’chruaidh-lann ’na dhòrn, ’s a mach a bha e. Ghearr e ’rathad roi’ luchd mì-rùin, ’s thog e air do Mhùideart, gu Mac-mhic-Ailein. Chaidh tri bliadhna seachad, ’s cha chual’ e ciod a thàinig ri ’mhac Raonull Og. Bha ’chridhe fo iomagain mu ’dhéibhinn. Bha e ’crìonadh mar dharaig aosda ’na aonar, gun neach dlùth dha a sheasadh ri ’ghualainn, a’ cuimhneachadh nan làithean a dh’ fhalbh—na làithean ’s an robh a chàirdean ’s a theaghlach mu thimchioll—’s an lasadh ’aigne le sòlas, a’ smaointeachadh gum faiceadh e’n trà ’s an seasadh a mhac ’na àite, toilteannach air cliù agus onoir nan gaisgeach calm air an ainmicheadh e; ach mo chreach! bha atharrachadh air a’ chùis bho’n uair sin—bha e nis gun chàirdean, gun teaghlach, gun fhearann, gun mhac. Bha a chùis mar so an uair a thainig Raonull Gallda a dh’ agairt a chòrach an aghaidh a bhràthar, Iain Muideartach. Chruinnich Clann Raonull as gach cearna gu Caisteal-Tioram, le làn rùn gu’n seasadh iad le Iain Mùideartach “a dh’ aindeoin cò theireadh e.” Bha Raonull Glas ’s a’ chòmhail mar chàch, agus air teannadh dhà ri dol fo armachd thug e sùil mu’n cuairt, agus chunnaic e òganach àillidh ’na sheasamh ri ’thaobh, a ceartachadh a chuid arm mar an ceudna. Chlisg a chridhe ’na chliabh air toirt an aire có ’bh’ ann. Air dhoibh dealachadh trì bliadhna roimhe sin, cha robh ’n a’ mhac ach glas-ghille. Bha e nis ’na làthair, air fàs suas mar fhiùran gun mheang; [TD 150] [Vol. 11. No. 19. p. 6] agus có ’n cridhe athar nach atadh le aoibhneas, ’n àm tachradh dhoibh ’s an t-seasamh sin? Ach chuimhnich Raonull Glas air an oidhch’ a theich a mhac agus chum e air fhéin. Thug e ’n ath shùil air an òganach, agus thuirt e:—“’S coma leam fhin an rud a bhiodh ann, armachd a’ ghill’ òig, ’s e ’teicheadh.” Tuillidh cha d’ thubhairt e, ’s ged a b’ fhuar an fhailt i bho bhial ’athar, cha do ghabh an t-òganach air gu ’n cual’ e i. Thog Iain Muideartach ’s a ghaisgich orra. Choinnich iad Raonull Gallda ’s na Frisealaich aig Ceann Loch-Lòchaidh, far ’n do chuir iad an cath fuileachdach ris an abrar Blàr Leithne. Thachair Raonull Galld’ agus Raonull Glas air a chéile ’s a’ chòmhstrì; ach ged a b’ ainneamh air cùl claidheamh làimh bu tréine na Raonull Glas, bha Raonull Gallda ’faighinn buaidh air. Leònadh ’s a’ cheann e, agus theann e ri dol air ais: chunnaic a mhac Raonull Og, mar a bha ’chùis, agus leum e far an robh iad. Thubhairt e, “’S coma leam fhin an rud a bhiodh ann ceum air ais an t-seann duine; ach so mar bu chòir a bhith, am mac a dhol an ionad an athar.” ’S an ionad ’athar chaidh e. Bu ghoirt a’ ghreis a thug na laoich; an làmh bu taise, bu deacair ìnnseadh. Cha robh a’ mhiann air Raonull Og a nàmhaid a thorchairt; ach leònadh leis an fhear eile e, agus bha ’fhuil a taosgadh mu ’shùilean. Chunnaic e gu ’m feumadh an dàrna fear tuiteam, agus le rùn gun cheilg, thubhairt e—“Cha bhi mi ’m foill dhut, a dhuine thall; tha do nàmhaid air do chùl.” Shaoil le Raonull Gallda gu ’n robhas a’ tighinn a thaobh a chùil air, agus ghrad thionndaidh e mu ’n cuairt; ach anns an tionndadh, chuir buille ’chlaidheamh Raonull Og an ceann deth. Bhuannaich Clann-Raonull an latha. Cha d’ fhàgadh beò, de chóig-ceud Frisealach, neach a dh’ innse sgeòil; agus de dhà cheud Raonullach cha robh beò ach aon-fhear-deug, agus gach aon diu leòinte! Air an dol dachaidh do Mhùideart chuir iad seachad an oidhch’ ann an Gleann-Fhionghain, far an d’ thàinig an cairdean ’nan coinneamh. Bha gach fear ag ìnnseadh nan gnìomh euchdach a rinneadh ’s a’ bhlàr, agus ri connsachadh mu dhéibhinn cò ’mharbh Raonull Gallda. Bha Raonull Glas agus a mhac ’nan laidhe air seid an ceann uachdrach an tighe, ag éisdeachd ris na bha ri ràdhainn. “Eirich,” ars’ esan, “a mhic, agus cuir an tuath air an t-samhaich cheart.” Dh’ éirich an gaisgeach, agus labhair e—“Togaibh dheth, fhearaibh; so an làmh a rinn an gnìomh. ’S i so lann an uasail sgairteil; agus b’ fhéarr leam dol a stigh air an dàrna ceann dhibh, agus a mach air a’ cheann eile, na’n claidheamh sin a thoirt as an làimh ’s an robh e mu ’n àm so ’n dé.” Mo chreach! b’ fhearr nach robh na leanas r’a ìnnseadh; an àit a’ cliù agus an urram a thoill e, ’s ann a ghabh iad fuath agus gamhlas ris. Ged nach robh a’ chridhe aca chuir an céill gu follaiseach, smaointich iad, nan biodh làithean aig fear cho dàna ’s cho treubhach ris, gun tugadh e bàrr air a chinneadh gu léir. Cha bu Raonullach a bh’ ann, ach Iaineach, agus rinn iad suas cur as da. Thug iad air an lighiche bha ’leigheas a’ chréuchd an gnìomh oilteil so a thoirt gu crìch, le dealg a sparradh ’na eanchainn troi ’n lot a bha ’na cheann. Mar so mharbhadh am flath fearail; agus beagan làithean ’na dhéigh, bhrist cridhe ’athar le bròn. Chuireadh an dithis ’s an aon uaigh, ann an Eilean Fhianain, far an robh claigeann Raonull Oig r’ a fhaicinn, an eag a dh’ fhàg faobhar a’ chlaidheimh ’na cheann, agus an toll a rinn an dealg ann, gus bho cheann-ro-ghoirid; agus ’s e mo bharail gu bheil e fhathast ’s an àite cheudna, mar chuimhneachan air gairgead sinnsridh na muinntir a tha nis gun choimeas le sìobhaltachd. Bu taingeil bu chòir dhoibh a bhi, gu’n deachaidh na làithean seachad anns nach biodh neach earbsach an àm laidhe gum biodh a cheann air ’amhaich gu maduinn. Thàinig mòr atharrachadh air ioma cèarna de’n t-saoghal bho’n uair sin, agus gun teagamh cha’n i ’Ghàidhealtachd àite ’s lugha air an d’ thàinig de mhuthadh. Oiteag a L’Ardoise. A DHEAGH CHARAID:—Thug mi gearr-iomradh air banais anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi gu ’r n-ionnsaidh. Tha mi aig an àm so ’dol a thoirt dhuibh sgeul air deagh luadh air ’n do thachair dhomh bhith oidhche air an t-seachduin s’a chaidh. Tha mi creidsinn nach cuir a’ mhor chuid dhe na leughas an litir so suim sam bith ann an leithid so de naidheachd, oir dh’ fhaodadh nach eil annas aca de luadh. Ach ’san àite so, far nach eil ach beagan Ghàidheal a’ còmhnaidh, theid othail mhor a dheanamh ri fearas-chuideachd dhe ’n t-seòrsa so. Bha uair eile ann, ’s cha robh ioghnadh sam bith an iomadh frolic luaidh a bhi ’toirt toileachaidh dh’ an òigridh (agus do’n aois) re oidhcheannan fada gheamhraidh. Ach dh’ fhalbh an t-àm sin, agus a nis ma theid ar cuireadh gu luadh uair ’sa bhliadhna ’se ni iongantach a th’ ann. Cha ruig mise leas teannadh ri innse de ’s coireach ris an atharrachadh. Tha fhios aig a h-uile neach air. Cha’n eil feum ga ’chur air clò Gàidhealach o’n tha ’n clò Gallda ’san fhasan. Ma chuireas neach uime briogais ghlas chlò cha bhi ballach air cnoc nach bi mèilich ris. Ach gu mo naidheachd. Bha cuireadh farsuinn fialaidh air a thoirt do ’n òigridh cruinneachadh do thigh aon de na coimhearsnaich gu frolic luaidh, agus mu’n gann a chaidh a ghrian fodha, bha còmhlan math air tional. Shuidh bannal dhe na caileagan mu ’n chléith agus chaidh iad an dàil na h-obrach gu gramail, ach “Cha chluinnear luinneag òighean seisd nan òran air a’ chléith;” ni muladach, nach eil na h-igheanan laghach a tha ’n taobh so a’ cleachdadh òrain luaidh. Tha na gillean air thoiseach orra ’sa cheum so, mar a thaisbein iad an oidhch’ ud, ach ’s fheudar aideachadh gu’n do chuidich na gruagaichean geanail iad a’ togail an fhuinn. Bha sinn gu trang a luadh gus an robh e teannadh ri meadhain oidhche. An sin bha deagh chuirm air a cur m’ ar coinneamh do ’n d’ rinn na h-uile neach ceartas. An deigh na cuirme, bha cleasan neo-lochdach air an cluich a thug a mach iomadh gàire. Mu ’n gann bu chòir dha bhi meadhan oidhche, shoilleirich an ath mhadainn, agus an deigh cuirm eile dh’ fhalbh a’ chuideachd dhachaidh, gle chadalach, ach gle thoilichte leis mar a chaidh an oidhche ’chur seachad, agus a’ guidhe sonas do dh’ fhear ’s do bhean an taighe. Gu ma fada beò iad ’s ceò as an tigh! Is mi do charaide, COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS. Am Màrt 10, 1903. “Fios Iarmailt” A CHARAID IONMHUINN,—Bha mo ghoistidh agus mi fhein an la roimhe a bruidhinn mu dheidhinn an ainm a thug sibh air a Mharconigram, agus bha sinn le ’chéile de ’n aon bheachd dha taobh, agus ’s e sin, gu ’m b’ e “fios-iarmailt” bu fhreagarraiche air na “cogar-adhair.” Tha e cinnteach gur e, ann an tomhas mor, an aon seadh a th’ aig na facail iarmailt agus adhar; ach mar a tha mise ga ’thuigsinn, their sinn an t-adhar ris an ionad anns am faic sinn a’ ghrian ’s na reultan a mhàin. An uair a bhios neòil thiugh ann their sinn, “Cha ’n fhaic sinn an t-adhar.” Mar an ceudna gu bheil an iarmailt ag iathadh dluth dha, agus mor thimchioll an t-saoghail. Mar a thuird am bàrd foghlumaichte, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: “Chinn gach dath ’bhiodh ann am breacan Air an iarmailt.” Bidh na dathan àlainn so glé bhitheanta ri ’m faicinn air an iarmailt eadhon dh’ionnsaidh na talmhainn. ’S minic, nuair a bha mi na ’m bhrogach, a fhuair mi mi-fhein glé mhor air mo mhealladh, an uair a rachainn thun a cheart spot ’san robh mi faicinn ceann bogha-frois, ach, mo thruaighe, an uair a ruiginn an dearbh bhad sin bha mi cho mor “eadar am bogha ’s an t-sreang” ’sa bha mi riamh. A réir coltais tha an gne dhealanach sin leis am bheileas a cuir an fhuaim no ’n fhios o àite gu àite, a leantuinn cuairt an t-saoghail, co dhiù tha no nach ’eil e dol suas do ’n adhar; ma tha, cha ’n ’eil e toirt fad ann. ’S e sin, ma ta,—ma ’s aithne dhomhsa chuir am briathran air dhòigh ’s gu ’n tuig sibh e—an reusan air an saoilinn gur e “fios-iarmailt” is freagarraiche. No, o’n a thàinig e gu m’ aire, c’ar-son nach biodh “fios-dealain” gle mhath? ’S e ’s fhasa ràdhainn, agus ’s e gne dhealanach a tha daoine deanamh aig an tigh (home made) a th’ ann. Ma ’s fhiach smaointean mo sheana chinn, le droch sgriobhadh mo sheana phinn, a chur an iomall de MHAC-TALLA, faodaidh tu an seorsa litir so a chur ann, ge b’e ainm is freagarraiche. V. Beagan Fhacal a Orwell. Tha mi cur dolar anns an litir so a phàidheadh a’ phaipeir air-son na bliadhna tha criochnachadh an Ogust a tha tighinn. Cha bu chion dùrachd math no cion airgid bu choireach nach d’ fhuair sibh an t-airgiod roimhe so ach rud ris an can sinn anns a’ Bheurla procrastination, rud, ged tha nàir’ orm innse, dh’ am bheil mi fhin gle bhuailteach. Tha tìmeannan air an eilein so o chionn beagan bhliadhnachan na’s fhearr na bha iad roimhe sin. Tha na liberals ag radh gur h-ann air tàille an riaghlaidh mhath a tha iad fein a’ deanamh air an dùthaich a tha ’n soirbheachadh so; agus tha na conservatives a’ feuchainn ri dheanamh a mach gur h-e ’n siol a chuir iadsan ’san ùine dh’ fhalbh a tha ’n diugh a’ fàs, agus gur h-ann dhaibhsan a tha ’n t-urram dligheach. Tha mise de ’n bharail gur h-ann a chionn gu bheil ionnsachadh anns gach ni na’s fhearr na bha e roimhe so, a tha an dùthaich na’s soirbheachaile. Na tuathanaich a bha o chionn beagan bhliadhnachan air ais a’ deanamh am beò-shlainte le creic coirce, buntàta ’s cruithneachd, ’s ann tha iad an dràsda biathadh chruidh, mhuc is chaorach, ’s a’ creic bainne, mucan is feòil, rud ’sam bheil am barrachd airgid. O chionn bliadhna tha na tuathanaich so an deigh tòiseachadh ri reamhrachadh ian ’s ri togail mheasan, dòigh air an dean iad barrachd mor airgid le na’s lugha de dh’ obair chruaidh. Ach ged tha daoine air fàs na ’s teòma ann an obraichean tha mi de’n bharail nach eil iad ann am bitheantas idir cho onarach, fìrinneach, stuama, ceart agus fialaidh ’sa bha na seann daoine. A. D. MAC-LEOID. Orwell, E. P. I., Feb. 28, 1903. Bha triùir chaileagan a bha tilleadh as na Stàidean air bòrd an t-soithich Minto nuair chaidh a glacadh ’san deigh eadar Pictou is Baile-Shearlot. Air dhaibh a bhi ’call am foighidin dh’ fhàg iad an soitheach ’s choisich iad gu tir air an deigh, astar ochd mile deug gu leth! [TD 151] [Vol. 11. No. 19. p. 7] Canada Ard. LE ANNA NIC-GILLIOS. Ann an Canada àrd Tha gach sonas is àgh; Bidh gach maoin ann a fàs ri ’chéile. Gu bheil cruithneachd a fàs Luchdmhor, lionte gu bhàrrr Ach tri miosan thoirt da de thearmunn. Gheibhear siùcar a craoibh Ach an goc chur na taobh, Is cha mhìll sin a h-aon de ’geugan. Gheibh sinn dearcan is fion, ’S gach ni eile gu ’r miann; Cha bhi uireasbhuidh sion fo’n ghréin oirnn. Bu mhath dhuinne ’s gach dòigh Maighstir Alasdair òg; Fear na misnich, na treoir’, ’s na léirsinn. Dh’ fhalbh e leinn, mar rinn Maois, ’Mach a dùthaich na daors’, ’Thoirt dhuinn fearainn, is saors’, is eibhnis. Fhuair sinn bailtean dhuinn fhìn, Le còir dhainginn o ’n rìgh, ’S cha bhi uachd’rain a chaoidh ga ’r léireadh. Ealag Chamaran. LE DONNACHADH MOR FRISEAL. Is oidhche dhomh nam aonar A siubhal fraoich is fàsaich, Gun d’ dhrùidh an t-uisg’ air m’ aodach Is shaoil leam a bhith bàithte. Bha ’ghaoth a cheart cho fuath’sach ’S mo chluas nach cluinneadh tàirneach. Ceud soraidh slàn do ’n ghruagaich ’Thug dhomh gun ghruaim an fhàrdach. Nuair ràinig mise ’n teaghlach Bu chaoimhneil rium bha Sàra, Gun d’ fhuair mi cuid na h-oidhche Is roinn de ’n la-’r-na-mhàireach; Bha h-uile ni mar dhaoimean Gun fhoighneachd ’tigh’nn gu m’àilgheas; ’S mo dhùrachd-sa do ’n mhaighdinn A rinn mo leab’ a chàradh. B’ i sud an leaba chliùteach; Gun gabhadh Diùca tàmh innt’; Le iteagan ’s le dùnais, ’S le cùirteinean ùr’ àrda, Le cuibhrig dearg is uaine, ’S le cluasagan mìn, àlainn:— Ged bhiodh an reothadh cruaidh ann Am fuachd cha ’n fhaigheadh làmh-rium. Is math ’thig gùn de ’n t-siod’ dhuit, Is breacan rìomhach sgàrlaid; Is làmhainean geal rìomhach Mu d’ bhasan mìne, bàna; An t-suil a’s glaine lionadh, ’S do bhian mar shneachd an fhàsaich; Gur son’ e, ge b’ e òg e, A gheibh le deoin do làmh-sa. Nuair theid thu thun na h-airidh ’S a Bhraighe ’s tearc do shamhladh, A dheanamh muighe ’s càbaig, ’S a dh’ arach laogh is ghamhna; Do phears’ tha direach alainn, ’S gur h-àilleagan ’sa ghleann thu; B’ e ’n solas a bhi còmhl’ riut Seach stòras Thighearna Ghrannda. ’Nis bheir mi dhuit mo sheoladh, Mar ’s eol dhomh, ann an dànachd; Bi ’fuireach bho gach gòraich’, ’S do dhòigh ua doir do mhànran. B’ i ’n còmhnaidh banail, stuama, ’S fear-fuadain na leig teann ort; Is chi thu le do shùilean Gur cùis sin nach dean call dhuit. Gur h-iomad caileag bhòidheach A b’ eol dhomh ri mo là-sa, A chaill le falbh na h-oidhche A h-aoibhneas is a h-àilleachd. Tha iad an nis is gnùig orr’ An cùil gun fhear thig làmh-riu; Gur daor am pàidheadh sùgraidh ’Bhi ’tabhairt glùin do phàisde. Mu Lòchaidh ’s ann tha seorsa Na h-òigh’ mu bheil mi ’seanachas; Na fleasgaichean grinn’, bòidheach ’Tha eolach air gach fear-ghleus; Fir ghasda dha ’m bu dual An àm cruadail a bhi calma.— ’S e ainm na maighdinn shuairce Mu ’n cualas Ealag Chamarain. Mo ghuidhe dhuit ’s mo dhùrachd Gach cùis a dhol gu bràth leat, A nighean mhaiseach chliùteach A’s fiughantaiche nàdar. Do chliu bidh mise ’g innseadh Le firinn anns gach àite.— Ceud soraidh slan do ’n mhaighdinn A rinn mo leab’ a charadh. Is ann a mhuinntir Bhaideanaich a bha Donnachadh Friseal. Is e am Breabadair Mor a theirteadh ris am bitheantas. Cha robh ann ach duine bochd, agus bhiodh e gle thric a siubhal feadh na dùthcha. Ge b’e ciamar a dheanadh e fighe, b’ aithne dha orain a dheanamh. Bha e beo sa bhliadhna 1832. Bha e an uair sin còrr is tri-fichead. Dh’ fhaodadh Ealag Chamaran a bhith na chomain air son an orain a rinn e oirre. Na “Corns” LE IAIN MAC PHAIDEIN AN GLASCHO. O, gur truagh mi, hi gur truagh mi, O, gur truagh mi leis na “corns;” Fath mo chruadail, ’s gann gu ’n gluais, ’S e na fhuair mi leis na “corns.” Bheir mi ’n ghriasaich’ earail ùr A chur mo lùdagan air doigh; An ceap is motha feumar clùd air ’Thoirt a bharrachd rùm do ’n “chorn.” ’S tric a chi mi leigheas cinnteach, ’S ceannaichidh mi ged b’ fhiach e ’n t-or; Ach a dh’ aindeoin dé ni mise, ’S ann ni ’s miosa theid na “corns.” Fhuair mi cùngaidh, ’s bha i sgaiteach, Loisgeadh agus shrac i ’n clò; ’S ged a thug i dhiom an craicionn, Dé, cha d’ thug i mach an “corn.” Cia mar dhireas mi ri aonach, Siubhal fraoich a rinn mo leon; ’N uair tha h-uile aon de m’ ladhran, ’S adhaircean orr’ mar dhamh-na-cròic. Ged a theid mi do ’n bhal dannsaidh, ’S beag mo shannt air dol g’a chòir; Chi mi braoisg air iomadh garlach, ’Gaireachdaich air fear nan “corns.” Ged a bhruidhneas mi ri caileig ’S ann a ni i fanaid mhor; Their i, ’s a sùil air mo chasan, “’M faigh mi ’n t-aiseag ann ad bhròig?” Cha dean mise ’n ceum ach mairneach, Ged robh namhaid air mo thòir; B’ fhasa dhomh ’bhi falbh na sraide, ’S slige barnaich anns gach bròig. Gheibh sinn plasd air son gach creuchd, Cradh an déididh leis a’ chorr; Bheir an turcais fois do ’n deud, Ach dé, cha ’n fhaigh mi léigh air corns. Gheibh sinn Gaidhlig anns gach canain, ’S bheir sinn Gaidhlig air gu leoir; Ach am mallachd a bhi ’n dan Do ’n fhear bheir Gailig air na “corns.” Chaidh e eadar thu ’s do chraicionn. Chaidh na mucan troimh an tigh-comhairle. Cha ’n eil ann ach gaoil an fhithich air a chnàmh. Chì do shùil e ’s cha bhlais do bheul e. Chì mi t’ fhiacail chùil. Cho airidh ’s a tha ’m meirleach air a’ chroich. Cho àrd ceann ri fiadh air fireach. Cho aigeantach ri fiadh. Cho anmhuin ri fionan-feòir. Iadsan a Phaigh. Calum Caimbeul, Inverness Domhnull W. Domhnullach, Broad Cove Agnes Nic Gill-fhaollain, Broad Cove Seumas D. Mac Eachern, Broad Cove Raonall A. Gillios, Broad Cove Anna A. Ghillios, Broad Cove Tearlach A. Domhnullach, Broad Cove Tormad Gillios, Whitney Pier Ceit C. Nic-Leoid, Grant Domhnnll I. Mac-Ascuill, L’Ardoise Aonghas D. Mac Fhrainc, Mabou Aonghas D. Mac Fhrainc, Mèinn Mhabou Gilleasbuig Mac Fhionghain, Beechmont Iain B. Mac Artair, Strathlorne Iain Dillon, an t-Eilean Cruinn Bean Raonaill Dhomhnullaich, M.B. Road A. Mac Gill-fhaollain, Gleann Ainslie Donnachadh Gillios, Mèinn Victoria Iain N. Mac Coinnich, Sidni Padruig S. Mac Neill, Dominion No. 1 Alasdair A. Camaran, Bridgeport A. Mac-a-Phearsain, Hubbard’s Cove, N.S. Bean S. Dhomhnullaich, McPherson P.O. Murchadh Mac Leoid, Belmont, P. E. I. A. D. Mac Leoid, Kinross, P. E. I. A. I. Mac Dhiarmaid, Ottawa, Ont. Domhnull P. Mac Aoidh, Southampton Iain Mac Rath, Chicago, Ills. Nach mor gur fearr gu ’n innseadh do charaide do lochdan duit ann an uaigneas, na gu ’n cuireadh do namhaid an céill iad gu follaiseach. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. . EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 152] [Vol. 11. No. 19. p. 8] Oran Luchd-imrich. LE ANNA NIC-GILLIOS. LUINNEAG. O, sud an taobh a ghabhainn, E, sud an taobh a ghabhainn, ’S gach aon taobh gam biodh an rathad Ghabhainn e gu h-eolach. Gabhaidh sinn ar cead de Mhòrair, Arisaig ’s Mùideart nam mòr-bheann, Eig’ is Cana ghorm nan ròiseal, ’S Uibhist bhòidheach ghreannmhor; Cnòideart fhuar is Gleanna-Garadh, Far a bheil na fiùrain gheala, ’S uisge Ruaidh o ’n Bhràighe thairis Gu srath Ionarlòchaidh. Tha na càirdean gasda lionmhor Thall ’s a bhos air feadh nan criochan; ’S ma dh’fhàgas mi ’h-aon diu ’n diochuimhn ’S aobhar miothlachd dhomhs’ e; Domhnallaich, is gum bu dual daibh Seasamh dìreach ri uchd cruadail, A bhith dian a ruith na ruaige, Dìleas cruaidh gu dòruinn. Long is leoghann, craobh is caisteal Bhiodh nan sròiltean ard ri ’m faicinn, Fìrean is làmh dhearg is bradan, ’S fraoch na bhadain còmhl’ riu. Chi mi ’n cabrach air an fhuaran A ghreigh féin na ’n treud mu ’n cuairt da, ’H-uile té ’s a sròn ’san fhuaradh Mun dig guais luchd-tòrachd. Leam bu bhinn a chaismeachd mhaidne An déidh dùsgadh as mo chadal, Coileach dubh air bàrr a mheangain, ’S fiadh ’sa bhad ri crònan. Falbhaidh sinn bho thìr nan uachd’ran, Ruigidh sinn an dùthaich shuaimhneach, Far am bi crodh laoigh air bhuailtean Aig na fuarain bhòidheach. Falbhaidh sinn, ’s cha dean sinn fuireach, Fàgaidh sinn slàn agaibh uile, Seolaidh sinn air bhàrr na tuinne; Dia chur turais oirnne. Rugadh Anna Nic-Gillios ann am Morar. Bha i posda ri Domhnallach a mhuinntir Chnòideirt. Thainig i do Ghleanna-Garadh maille ri fear-posda sa bhliadhna 1802. Fuirich a Ribhinn. Oran do Chatriona Tàillear an Ceanntràigh an Ile. LE DEORSA CHIONABUIS. Fonn: “Cuir a chinn dìlis tharam do làmh.” LUINNEAG. O, fuirich a rìbhinn phrìseil, phrìseil, O, fuirich a rìbhinn ’s dìlse na càch; A mhaighdean a’s luraiche, fuirich an Ile, Og bhean a’s dìlse ’chi mi gu bràth. Cha dìrich mi bruthach ’s cha siubhail mi còmhnard Tuilleadh ri m’ bheò, ’s mo smeòrach na tàmh. Ach éisdidh mi ghàir thig o bhàrr nan tonn mòra, ’S dh’ fhuiling mi bròn gu leoir air do sgàth. Gum faca mi ’n eathar a feitheamh na h-uaire; Mhealladh i bhuamsa gruagach mo ghràidh. Ma sgaradh o chéil’ sinn b’ éibhinn an uaigh Seach an-shocair bhuan, ’s gun bhuaidh aig a bhàs. A mhaighdean a’s bòidhche na smeòrach sa chéitein, ’Soilleir an sgeul r’a leughadh an dràsd;— Ged ’s bòidheach an conasg, gur stobain gu léir e, ’S faicilleach ’théid gach creutair na ’dhàil. Ri soirbheas ’s ri sruithean mar ghuidhinn ad dhéidh Gach cala d’ an déid thu, gheug an fhuilt thlàith, Bidh mise trom dubhach air tulaich leam féin, ’S mi sruthadh nan deur gu geur air do sgàth. Pòg chaoin o d’ bheul milis, nam faighinn gun ghruaim i, Dheanadh, ge cruaidh e, m’ fhuasgladh o’n bhàs; A ghaoil thigeadh rughadh is lasadh am ghruaidh Air eagal gum buairteadh bhuam thu le càch. ’S e m’ acain, nuair shìnear mi ìseal ’san ùir Nach lionadh an drùchd do shùil mheallach bhlàth. Ma mheallas mi sìth ann an rioghachd nan dùl, Far am binne luchd-ciùil, bi nùnn air mo sgàth. Ma tha thu gun fhortan cha ’n fheil tochar gam dhìth,— Airgiod no ni nach h-fheil ann ad làimh. Bheir mi mo mhionnan nach faic thu mo mhì-thlachd, ’S gheibh thu bhuam sìochaint, seirc, agus gràdh. Ma ’s ann ’tàir air mo ni, no cur sios air mo dhaoine, Dhiult iad thu, ghaoil, gum b’ fhaoin iad ’sa chàs. An Ti a chuir mise gu piantan an t-saogh’l, Cha d’ fhàg e gun daoin’ mi dh’ fhaoidt’ thoirt an làth’r. Tha airgiod is òr am phòca gu h-uallach Agus crodh guaillion ’m buail’ air mo sgàth.— Is e ’rinn an eucoir a bhéisd a thug uam thu; ’S tha mi fo ghruaim o mhaduinn Di-màirt. Gu m’ laimh thainig litir ’s mi fàgail na tir s’ O fhear a bha dìleas dhomh ann an dàimh; Cha ’n urrainn mi ’freagairt ’s mo chridh’ ann an Ile, Glaist’ aig an rìbhinn bhinn tha ’n Ceanntràigh. Mo shoraidh do ’n Oa gu òigh a chùil shniomhain; ’S deimhin leam fhin gun dug mi dhi gràdh. Ach theid mise fhathast, ma ’s maireann dhomh, ’dh-Ile, ’S dhuit-sa gu cinnteach bheir mi mo làmh. ISE GA FHREAGAIRT. Mo shoraidh o’n Oa gu òg a chùil shnìomhain; ’S deimhin leam fhìn gun dug mi dhuit gràdh Mo ghaol tha cho buan dhuit ris ’n fhuachd tha san fhìor-uisg’ ’Chaimbeulaich rioghail, fhoinnidh, dheas, àird. Rugadh Deorsa Caimbeul—Deorsa mac Chailein, mhic Dhonnachaidh, mhic Chaiptein Alasdair—ann an Cionabus an Ile ’sa bhliadhna 1766. Bha baile Chionabuis aig air mhàl, mar a, bha e aig ’athair, a sheanair, agus a shìn-seanair roimhe. Dhealaich e ri Cionabus agus chaidh e a dh’ fhuireach ann am Port-an-eilein mu ’n bhliadhna 1836. Chaochail e air April 28, 1858. Bha e gu math air a dhoigh. Dh’ fhàg e a chuid airgiod aig a dhithis cloinne, mac agus nighean. Bha a mhac na dhotair. Bha a nighean posda ann am Port-an-eilein. Bha Deorsa Chionabuis na fhior bhàrd. Bhiodh e cluich air an fhidhill; ach a réir an rainn a leanas cha robh fhìdhleireachd idir cho binn ri chuid oran:— Nuair a bheireadh oirre Deorsa Sheinneadh e gu làidir seolta; ’S ann a shaoileadh muinntir Dhomhnaill Gum b’ e seorsa druma bh’ ann. Tha e na ghnothuch bochd gun deach a chuid mhor de na h-orain ghasda a rinn Deorsa Chionabuis a leigeadh air chall. Smachdaich do smaointean an uair a bhios tu leat fhein, agus cuir srian ri d’ theanga am measg cuideachda. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton [TD 153] [Vol. 11. No. 20. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 3, 1903. No. 20. Litir a Alba. FHIR MO CHRIDHE:—Thug e toileachadh mòr dhomh fhaicinn, anns an àireamh mu dheireadh a fhuair mi dhe ’n MHAC-TALLA, gu ’m bheil an seann duine còir, “Cona” fhathast beò, agus air chomas Gàilig a sgriobhadh cho snasail, agus cho pongail, agus cho làn tuigse agus gliocais ’s a bha e riamh. Ged nach fhaca mise riamh, agus ged nach ’eil fhios agam cò e de shluagh an t-saoghail, ach gur e Gàidheal gu ’chùl a th’ ann, tha meas anabarrach mòr agam air riamh o’n a leugh mi na sgriobh e mu dheidhinn “Oisein—a linn agus a bhàrdachd,” an uair a thòisich “An Gàidheal” ri tathaich orm anns a’ bhliadhna 1871. Bha e ’cur sgriobhaidhean taitneach g’ ad ionnsuidh fhein o chionn beagan bhliadhnachan; agus an uair a sguir e de sgriobhadh ugad, ghabh mi eagal gur ann tinn a bha e, no gu’n d’ thug am bàs—fear gun mheachainn—air falbh e. Ach gu ma fada beò e ’s ceò as a thaigh. Nam biodh fhios aige air cho measail ’s a tha ’chuid sgriobhaidhean air an taobh so dhe’n chuan, shaoilinn gu ’m feuchadh e ri beagan a sgrìobhadh ugad gu math tric. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh, “Is fhearr duine na daoine.” Bha na seann laoich ainmeil riamh, agus bithidh. Is dòcha nach ’eil e ceart dhomhsa ’bhith ’g ràdh gur e seann duine a th’ ann an “Cona,” an déigh dhomh a ràdh nach ’eil aithne no eòlas agam air ach troimh na leugh mi dhe ’chuid sgriobhaidhean matha; agus tha mi’n dòchas nach gabh e gu h-olc na thubhairt mi. Ma tha e pòsda, tha mi cinnteach nach gabh e gu h-olc, ged a theirinn gur e seann duine a th’ ann. Ach faodaidh mi ràdh nach ’eil ’na seann fhleasgaich a tha againne air an taobh so dhe’n chuan idir deònach aideachadh gu ’m bheil iad sean, eadhoin an uair a tha iad ag aideachadh nach ’eil e ’nam beachd pòsadh gu bràth. Cha chuireadh e ioghnadh sam bith orm ged a bhiodh na seana mhaighdeanan an aghaidh a bhith ’g aideachadh gu ’m bheil iad a’ fàs sean. Is aithne dhomh té no dhà a rugadh anns an aon bhliadhna rium; agus ged a tha mi nis a’ dol anns an trì fichead bliadhna, tha iad a’ cumail am mach nach ’eil iad fhathast ach mu dhà fhichead bliadhna! Tha boirionnach còir air tòiseachadh ri sgriobhadh ugad o chionn bliadhna, agus gu cinnteach ceart tha a cuid litrichean a’ toirt toileachaidh dhomhsa, agus do iomadh neach a bharrachd orm: tha mi ciallachadh, “Peigidh Phabach.” Cha robh mise ann am Pabaidh riamh; ach chunnaic mi astar math uam e, mar a chunnaic Padaidh a’ ghealach. Ma dh’ fhaodas tu dhe ’n t-saoghal cum air do thaobh i. Tha cuid dhe na mnathan anabarrach math gu sgrìobhadh, araon ann am Beurla ’s an Gàilig. Nan robh mise beairteach—rud nach ’eil mi, agus nach mo a bhitheas—bheirinn sgrìob a null do Chanada, agus rachainn a dh’ amharc air na Gàidheil, agus air na bana-Ghàidheil, a tha cho dìleas air taobh na Gàilig. Ach o nach urrainn duinn a chéile a choinneachadh, agus fàilte chridheil a chur air a chéile, mar bu chòir do na Gàidheil a dheanamh ge b’e air bith àite anns an tachair iad ri ’chéile, is còir dhuinn eòlas a chur air a chéile le bhith, gu math tric a’ sgrìobhadh beagan g’ad ionnsuidh fhein. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh, “Is e obair latha tòiseachadh.” A dh’ innseadh na firinn dut, is e tòiseachadh ri sgrìobhadh mòran a’s duilighe dhomh na crioch a chur air an litir aon uair ’s gu’n tòisich mi. Agus tha amhrus agam gu’m bheil so fior a thaobh dhaoin’ eile mar an ceudna. Agus faodaidh mi ràdh gu ’m bi m’ inntinn mòran na’s fosgailte air amannan na bhios i air amannan eile. Cha’n ’eil a’ bheag agam ri ràdh a’ nochd; oir tha mi air mo shàrachadh ag obair o’n a dh’ éirich mi gu math moch ’s a’ mhadainn. Leis cho fliuch ’s cho fuar ’s cho fiadhaich ’s a bha ’n t-side o’n a thainig an t-earrach, cha b’ urrainn domh a’ bheag a dh’ obair a dheanamh; agus o ’n a tha ’n obair air dhol air druim orm, feumaidh mi nis a h-uile almsadh a gheibh mi air an t-sìde a ghabhail, ar neo bidh an obair gun deanamh am bliadhna. Tha mi ’guidhe soirbheachadh dhut fhein, agus do na h-uile a tha ’toirt làimh-chuideachaidh dhut. Is mi do charaid, BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh-an-Locha, 19, 3, ’03. AN am a bhi ’taghadh ainme do ni sam bith is coir roghainn a dheanamh de ’n fhacal a’s giorra ’s a’s fhearr fuaim. Chunna sinn caochladh ainmean Gàilig air an toirt seachad anns na paipeirean air-son wireless telegraphy, ach bha ’n da fhàilinn so orr’ uile,—bha iad fada ’s air dhroch fhuaim. “Sanas-clisneach,” “Innleachd adhar-iùil,” “Teachdaireachd neo-chàballach,” “Inneal-fhios neo-theudach.” Is iad so cuid de na h-ainmean a thainig f’ ar comhair, agus cha mholamaid aon seach aon dhiu. Cha ’n eil fior bhrigh a’ ghnothaich annt’ idir, ’s tha iad anabarrach rag ri ’n labhairt, dà ni nach tigeadh ri càil luchd-labhairt na Gàilig. THA sgriobhadair anns an àireamh mu dheireadh dhe ’n MHAC-TALLA dhe’n bharail gu’m biodh “fios-iarmailt” na b’ fhearr na ’n t-ainm a thug sinn fein air. Tha leth toisich an fhacail sin math gu leor, ach cha ’n eil an leth deiridh buileach cho math. Dheanadh “fios” an gnothach an àite “cogar,” ged nach eil e buileach cho math fuaim; ach cha’n eil “iarmailt” na ’Ghàilig cho math air “air” ris an fhacal “adhar.” Ann an tri faclairean Gàilig a th’ againn, tha am facal “iarmailt” air eadar-theangachadh sky, firmament, agus tha am facal “adhar” air eadar-theangachadh, air, sky, firmament. Tha “iarmailt” mar sin an ’ainm air a’ chuid sin de’n àile tha fad as cionn na talmhainn—na speuran,—agus “adhar” na ainm air an àile gu h-iomlan, dlùth do ’n talamh no fad air falbh. Chithear mar so nach eil “fios-iarmailt” ann am brìgh, mar nach eil e ann a fuaim, cho freagarrach mar ainm do innleachd ùr Mharconi ris an fhacal a chaidh a chùinneadh an toiseach,—“Cogar-adhair.” Is math a labhair am fear a chuir ri chéile an sgriobhadh mu ’n Mhòd a ghabh sinn an iasad o’n Obanach anns an àireamh mu dheireadh: “Cha tig an latha ’s cha chiar an tràth a bhios fior shoirbheachadh air a’ Mhòd cho fad ’s a bhios gach gnothuch is eile ’bhuineas dha air an giùlan air an aghaidh ann am Beurla.” Tha am Mòd ’s an Comunn a tha ri ’chùl air an cur air bonn air-son a’ Ghàilig a bheothachadh ’s a chumail suas, agus cha ’n eil dòigh eil’ ann air sin a dheanamh ach le bhi ga ’cur an cleachdadh. Cha leasaich e cor na Gàilig gu bràth a bhi bruidhinn mu deidhinn na ’sa Bheurla. MA tha Ghàilig ri bhi air a cumail beò, feumaidh na Gàidheil tuilleadh meas a chur oirre. Feumaidh iad ionnsachadh a leughadh ’s a sgriobhadh ’s a labhairt gu coilionta. Feumaidh pàrantan a teagasg d’ an cloinn; mur bi i aig a chloinn a tha fàs suas, cha’n fhad a bhios i aig duin’ idir, oir is dual do na seann daoine bàsachadh. B’ e ’n gliocas do’n Chomunn Ghàidhealach feuchainn ris an t-sluagh chumanta thoirt gu bhi na bu mheasaile air an cainnt dhùthchasaich. Cuireadh iad a mach leabhraichean Gàilig. Cha bu mhor an obair no an cosdus dhaibh aon leabhar math Gàilig a chur a mach gach bliadhna, agus cha bu bheag an cuideachadh a dheanadh sin leis an t-seann chànain. Bu chòir air a’ chuid bu lugha na h-òrain ’s na sgriobhaidhean ròisg a tha ’cosnadh dhuaisean aig a’ Mhòd a bhi air an cur a mach ann an leabhar. ACH cha ’n eil “an Comunn Gàidhealach” ach ag obair air an aon seòl ’s a tha na comuinn Ghàilig uile. Tha àireamh mhor ann dhiu, ’s tha ’n aon deagh rùn, ma’s fior, fa-near dhaibh, ach tha iad uile air tuiteam ’san aon mhearachd—a bhi smaoineachadh gu’n gabh cainnt cumail beò gun bhi ga ’cleachdadh. Tha fa ’r comhair an dràsda iomradh air coinneamh mhor a bh’ aig Comunnn Gàilig Pheairt. Agus mur eil am paipeir-naidheachd a’ cur bhreug am beul cinn-suidhe ’chomuinn cha robh òraid Ghàilig aca aig aon de ’n coinneamhan fad na bliadhna chaidh seachad. Tha fios againn gu bheil Comuinn Ghàilig ann aig nach faigh òraid Ghàilig éisdeachd. Tha ’n t-àm aig an t-seòrsa sin tòiseachadh ri iad fein a cheasnachadh, dh’ fheuch am faigh iad a mach am b’ fhearr do’n Ghàilig iad a bhi marbh na beò mar a tha iad. THATAR a’ toirt ionnsaidh ann an pàrlamaid Chanada, o àm gu àm, air reachd a dheanamh leis am bi e na’s furasda do chàraid phòsda litir-dhealachaidh fhaotainn o chéile. Gu ruige so cha do shoirbhich leis na h-ionnsaidhean sin, agus cha’n eil ach àireamh gle bheag anns an dùthaich a’ faotainn snaim a’ phòs- [TD 154] [Vol. 11. No. 20. p. 2] aidh fhuasgladh aon uair ’s gu’n teid a cheangal. Tha sinn an dòchas gur fhada mhaireas a’ chùis mar sin. Cha’n eil againn ach sùil a thoirt thar na crìche gu deas gus sealladh fhaotainn air an toradh a tha ghnàth a’ leantuinn laghannan a tha deanamh ni faoin de cheangal a’ phòsaidh. Cha’n i Connecticut an stàid a’s miosa anns an dòigh so a dh’ fhaodamaid ainmeachadh, agus air a bhliadhna dh’ fhalbh bha ceithir cheud ceithir fichead is da chàraid dheug air an eadar-sgaradh, ged nach eil de shluagh anns an stàid ach mu uiread gu leth ’s a tha ann an Nobha Scotia. Tha so a nochdadh gu soilleir cho suarach ’s a tha ’n sluagh air fàs mu dheidhinn ceangal a’ phòsaidh. Gu ma fada uainn an latha bhios muinntir Chanada cho suarach mu dheidhinn. Cha’n eil feum mor sam bith air lagh dhe’n t-seòrsa dh’ ainmicheadh. Biodh fios aig daoine gu bheil am pòsadh gu mairsinn gus an sgaoilear leis a bhàs e, agus cha bhi iad cho ealamh gus a dheanamh gun sealltainn rompa. AN TEINE ’M MEINN BHRIDGEPORT—Bha an teine bhrist a mach ann am mèinn an Dominion, an Seana Bhridgeport, na bu mhiosa na bhatar an dùil a bhitheadh e. Feasgar an latha thòisich e, chuireadh a mach sgeul gu robh e air a chasg, ach cha robh sin fior. Tha e gun chasg ceart fhathast. Bha buidheann mhor dhaoine ga ’chathachadh fad còrr is seachduin, agus nuair nach robh iad ga ’cheannsachadh, chuir iad rompa a’ mhèinn a lionadh le uisge, Thatar ris an obair sin an dràsda, agus cha’n eil teagamh nach bi a’ mhèinn dùinte gu deireadh an fhoghair, oir an deigh an teine chur as gabhaidh e ùine mhor gus a tràghadh ’s a tiormachadh suas a rithist. Fhad ’s a bhios a’ mheinn so na ’tamh cuirear tuilleadh neart ri obrachadh nam meinnean eile, air-son an tomhas guail a’ th’ aig’ a chuideachd ri chreic a chur os ceann talmhainn. Tha an t-Urr. Uilleam Moireasdan, a bha o chionn dha no tri bhliadhnachan suidhichte mar mhinisteir ann an Graniteville, an stàit Vermont, an deigh gairm aontachail fhaotainn a Dalhousie Mills, an Ontario. ’Se so am paraiste anns an robh an t-Urr. Iain Mac-Fhionghain, a tha nis air a shuidheachadh aig Aiseag Mhira. Bha tri cheud is ceithir deug de dh’ ainmean ris a’ ghairm, agus bu Mhoireasdanaich da fhichead is seachd deug dhiu sin, ’s bha “Mac” ann an seachd fichead ainm eile. Is coithional fior Ghàidhealach a th’ ann, agus ’se Mr. Moireasdan an treas fear de Mhinisteirean òga Cheap Breatuinn a bhios air a shuidheachadh na ’m measg. Tha mu fhichead dhe na saighdearan Canadach a dh’ fhuirich ’san arm an Africa mu dheas air an turus dhachaidh. Tha iad ag radh gu bheil iad fhein ’s na h-uile aon de’n companaich a dh’ fhàg iad na ’n deigh seachd sgìth de dhùthaich nam Boerach, ’s toigheach air an dùthaich fein a ruigheachd cho luath ’s a bhios na ’n comas. Cha robh iad fein ’s na h-ofigich Bhreatunnach a bha os an ceann a’ còrdadh ro mhath, agus bha na h-ofigich a deanamh chùisean mi-thaitneach dhaibh. LEABHRAGAN CHARNEGIE—Tha an làrach air an cuirear an togalach so air a shònrachadh mu dheireadh thall. Rinn comhairle a’ bhaile roghainn de dh’ oisean sràidean Dheòrsa ’s Bhrookland, ’s chuir an sluagh an aonta ris. Tha ’n làrach a’ cosd coig mile ’s sia ceud dolair. Cordaidh an togalach coig mile deug dolair; tha ’n t-suim sin a’ tighinn mar ghibht bho Charnegie air chumha gu’n cosd am baile coig ceud deug dolair ’sa bhliadhna a’ cumail an leabhragain air adhart. Tha Castro, riaghladair Bhenesuela, an deigh gach trioblaid a dh’ aobharaich e dha dhùthaich, a nise ’tairgse ’dhreuchd a leigeadh dheth. Cha’n eil a’ phàrlamaid no a’ chomhairle toileach e dheanamh sin, sgus cha’n eil teagamh nach gleidh e a dhreuchd. Tha ball de ’n àrd-riaghladh an deigh “bill” a thoirt fa chomhair na pàrlamaid air-son bacadh a chur air cluichean ’s air sealladhean mi-bheusach ann an tighean-cluich na dùthcha. Bas Shir Eachainn Dhomhnullaich. Is iomadh latha ’s bliadhna chaidh seachad o’n thainig sgeul a chuir uiread duilichinn air Gàidheil an t-saoghail gu leir ’sa chuir sgeula-bàis an laoich so. Seachduin gus an Di-ciaduin s’a chaidh, thainig crioch air beatha Eachainn Dhomhnallaich le laimh fein ann an tigh-osda am baile-mor Pharis. Latha no dha roimhe sin thainig fios gu robh e fo mhi-chliù, agus ri bhi air fheuchainn aig cùirt-airm ann an Ceylon air-son giùlan mi-bheusach. Bha e aig an àm ann an Lunnainn far an robh e air tighinn gus comhairle ghabhail o Mhorair Roberts. Bha e fein ’s an t-àrd-ofigeach sin na’n dlùth chàirdean, agus thatar ag radh nuair a dhealaich iad gu robh iad le cheile ’sileadh nan deur. Dh’ fhàg e Lunnainn gu dhol air ais do Cheylon, ach ann am Paris, thainig e ri bheatha fein le peileir daga chur troimh cheann. Bha a chorp air a ghiùlan air ais do Bhreatuinn ’s air adhlacadh an Alba. Bhiodh e fhathast tuilleadh is tràth feuchainn ri breth chothromach a thoirt air a’ ghnothuch mhuladach so. Cha’n eil an fhirinn iomlan fa chomhair dhaoine, agus gus am bi cha bhi anns gach breth ach barail an fhir a bhios ga ’tobhairt. Ach cha chum sin muinntir o bhi cur am barailean an céill, agus tha a bharail glé choitcheann am measg dhaoine aig an àm nach d’ fhuair an Seanalair an ceartas bu chòir dha fhaotainn. Co-dhiu bha e ciontach de na bhatar a cur as a leth no nach robh, tha e fior gu ’n robhas a deanamh a bheag no mhor de shealltuinn-sios ’s de gheur-leanmhuinn air leis na h-ofigich eile a chionn nach d’ fhuair e ’bhreth is àrach o phàrantan uaisle. Bidh am fear a gheibh dreuchd gun a cosnadh daonnan farmadach ris-san a choisinneas gach àrdachadh a gheibh e le threubhantas ’s le dhìlseachd fein. Cha robh duine ’san arm Bhreatunnach a rinn an ni a rinn Eachann Domhnullach, mac croiteir, a thòisich le gabhail ’san ann mar shaighdear cumanta, a dh’ eirich o ofig gu ofig ’s a’ chriochnaich mar sheanalair. Bu mhath a choisinn e gach àrdachadh a fhuair e bu mhor uaill nan Gàidheal as a shoirbheachadh, agus is goirt a bhuille leo e bhi air a ghearradh as mar a rinneadh ’s e fo neul duaichuidh a mhi-chliu. Dh’ fhàs duine no dithis tinn leis a bhric ann an Sidni Tuath air an t-seachduin s’a chaidh agus ghabh muinntir na Meinne eagal gu’n sgaoileadh i d’ am baile fein. Air-son sin a sheachnadh, dh’ òrdaich iad stad a chur air gach malairt is falbh is tighinn eadar an da bhaile. Fad dha no tri làithean bha luchd-faire a’ geard criochan bhaile na meinne ’s cha’n fhaigheadh duine stigh gun teisteanas gu’n robh e gu h-iomlan saor o ’n bhric. Bha iomadh sgeul àbhachdach air innse ’sna paipeirean mu’n dol air adhart a bh’ eadar luchd na faire ’s muinntir a bha ’g iarraidh a stigh gun teisteanas, ach cha robh ’sa mhor chuid dhe na sgeòil sin ach ròlaistean a dhlùth ’s a dh’ uachdar. Chuala sinn iomradh uair is uair air luchd-cumail thighean-òil a bhi ’g iarraidh chléireach nach blaiseadh air an deòch a bha iad a’ creic. Ach is sgeul ùr ri aithris gu bheil, ann an cearnan àraidh, na cléirich fhein a’ toirt bòidean stuaime. Ann an ùine ghearr cha ghabhar fear-òil ann an obair sam bith. Nuair tha eadhon luchd creic dibhe làidir a’ tòiseachadh ri tàire dheanamh air mar fhear-gnothuich, an iongantach ged chuirte cùl gu buileach ris leothasan a tha ’deanamh am beòlaint ann an gnothuichean dligheach. Fhuaireadh corp Charter anns an Abhainn inhabitants seachduin gus an Di-luain s’a chaidh. B’e so am fear a bh’ air an inneil iarainn fo ’n do thuit an drochaid air an abhainn sin toiseach a gheamhraidh. Naidheachd a New Zealand. Bidh an treas latha deug de Februaridh fad air chuimhne aig muinntir Waipu, New Zealand. Air an latha sin bha cruinneachadh mor aig na tha làthair de na Gàidheil a chaidh do’n dùthaich sin as an eilein so o chionn leth-cheud bliadhn’ air ais—iad fein ’s an sliochd a’ cumail iubili na h-imrich sin. ’S ann an Waipu a shuidhich na Ceap Breatunnaich, agus ’s ann an sin a tha mhor chuid de ’n teaghlaichean fhathast, ged tha cuid dhiu air gluasad do chearnan eile de’n dùthaich. Bha mu choig ceud deug aig a’ chruinneachadh so, agus chuireadh an latha seachad gu cridheil ag eisdeachd ri ceòl is oraidean, ’s ag ùrachadh seann eòlas. B’e ’n dithis bu shine bha làthair Eachann Mac Coinnich, a tha ceithir fichead is ochd, ’s bantrach Dhonnachaidh Mhic Coinnich a tha ceithir fichead is ceithir. Faodar a radh an so gu’n d’ rainig aon de ’n fheadhainn a chaidh air imrich a St. Ann’s, Domhnull Mac Gillemhaoil, aois ceud is da bhliadhna mu’n do chaochail e. Tha sinn an comain Chalum Mhic-Mhanainn, an Kaurihohori, air-son an naidheachd so a chur ugainn, agus tha dùil againn tuilleadh feuma dheanamh dhe’n fhiosrachadh a fhuair sinn uaithe, ann an iomradh gearr a thoirt air an imrich, ’s air soirbheachadh luchd na h-imrich an deigh dhaibh ruigheachd thall taobh eile ’n t-saoghail. AMI MHORAIDH—Tha a bhan-òranaiche ghasda so an dùil cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach air a mhios s’a tighinn, agus tha sinn cinnteach gu’n cuir na Gàidheil fàilte chridheil oirre. Thaitinn a seinn gu ro-mhath riutha nuair bha i an so roimhe—da bhliadhna ’n t-samhraidh s’a tighinn. Air a bhliadhna ’n uiridh thug i sgriob do Alba, far an d’ fhuair i barrachd eòlais air cainnt a sinnsir ’s far ’n do ghlac i duais a Mhorair Chaimbeil aig a Mhòd air-son seinn Gàilig ri fonn na clàrsaich. Tha i ’n duigh na ’s fileanta ’sa Ghàilig na bha i riamh ’s tha i gle mheasail air bhi seinn nan seann òran. Bidh sanas uaipe ’sa MHAC-TALLA ag innse nan amannan ’s nan àiteachan ’sam bheil i cur roimpe seinn. AINBHEACH BAILE SHIDNI—Tha ainbheach a’ bhaile so a cheana cho àrd ri seachd ceud is sia mile dolair ($706,000), agus tha tuilleadh ri bhi air a chur ris gun dàil. Tha “bills” fa chomhair pàrlamaid Nobha Scotia aig an àm so a’ ceadachadh do’n bhaile da cheud ’s ceithir fichead mil’ ($280.000) eile ghabhail an iasad. Tha da cheud gu leth mile dhe sin ri bhi air a thoirt mar shaor-thiodhlac do chuideachd thogail-shoithichean, ma ghabhas aon an tairgse. Na ’m biodh an ainbheach a tha air a’ bhaile aig an àm so air a leagail mar chìs air an t-sluagh a tha chòmhnaidh ann, bhiodh aig gach duine bean is pàisde ri còrr is tri fichead dolair a phàidheadh. Aig Granville Ferry, N. S., bhrist meirlich a stigh do bhanca ’s ghoid iad còrr is tri mile dolair. Chaidh an glacadh an ceann latha no dha, ’s bha ’n t-airgiod air fhaotainn far ’n do chuir iad am falach e. Bhrist fear no dha dhe’n cheird cheudna stigh do bhanca an Glace Bay, ach bha iad air am faicinn mu’n do thàrr iad toiseachadh ri sireadh air-son an airgid, ’s ghabh iad an ruaig. Tha iad so gun ghlacadh fhathast. Oidhche Di-luain air an t-seachduin s’a chaidh fhuaireadh fear Seumas Findlay marbh ann am bothaig fhàis faisg air na Coke Ovens. Bha e gu tric a’ cur seachad na h-oidhche ann agus thatar a deanamh mach gu robh e marbh cùnntas uairean mu’n d’ fhuaireadh e le fear eile bha ’dol a chadal ’san àite cheudna. Bha e mu dha fhichead is coig bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean is pàisde ann an Dartmouth. Bha fear Seumas Daley air fhaotainn ciontach de mheairle anns a’ bhaile so o chionn da sheachduin air ais ’s bha e air a dhìteadh gu ceithir bliadhna chur seachad anns an tigh-obrach. Bhuineadh Daley roimhe so do Phictou. Tha dithis eile air am bheil amharus a bhi na ’n companaich dha ’sa mheairle ri bhi air am feuchainn aig a’ chùirt mhoir toiseach an t-samhraidh. Roimhe so b’ ofigich á Breatunn a bha daonnan air an taghadh mar àrd-cheannardan do arm Chanada. Tha a’ pharlamaid am bliadhna a brath sin a leasachadh, agus an deigh so, faodar an dreuchd, ma chithear sin iomchuidh a thoirt do dhaoine mhuinntir Chanada fhein. [TD 155] [Vol. 11. No. 20. p. 3] EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. II. CUSPAIR AR SGEOIL AGUS AON NO DHA EILE—ANNS A’ BHEINN SHEILG—CUNGAIDH AIRSON GALAIR ARAIDH. B’E so miann a mhàthar, ged nach robh i ’g ràdh a bheag ri Eóbhain da thaobh. Ach mo thruaighe ’thaobh miann na bantraich agus chàich! bha Eóbhain air a chridhe liubhairt seachad roimhe so do dh’ Una dhonn a’ phiobaire, m’ an dug sinn iomradh. Bha Eobhain cho eòlach air Màiri ’s nach do smaoinich e riamh oirre mar leannan, agus cho eòlach air a buadhan inntinn ’s air a bòidhchead ’s gu ’n robh e gabhail a h-uile rud a bh’ ann mar ghnothuch maireannach, stéidhichte na ’shaoghal, mar a bhios sinn buailteach a bhi uile mu ’n fheadhainn a bhios leinn air slighe na beatha. Cha smaointich sinn uair sam bith ach uair ainneamh a dhol as ar ceum àbhaisteach, le guth no gniomh a nochdadh coibhneis dhaibh, o’n a bhios iad aig ar n-uilinn daonnan. Ach an uair a thréigeas iad ar sùilean ’s ar làthair gu dìlinn, bidh sinn ag amharc air ais ’s ga ’r cnàmh, a smaointean air an àm ud ’s air an àm ud eile ’dh’ fhaodamaid le gniomh faoin, no le facal, no le gàire fhéin, toileachadh a thoirt dhaibh, ’s an t-slighe gharbh a réiteach an gleann nan deòir so. Cha ’n e ar rùin idir gu ’n tuig daoine bhuaithe so gu ’n robh Eobhain bàn mi-shuimeil no greannach uair sam bith ri Màiri, oir cha robh sin na nàdar, ’s cha b’ eòl dha dubhailc sam bith. Na aghaidh sin bha e cho coibhneil, furachar m’a deidhinn ’s a b’ urrainn bràthair a bhith. Ach bha Màiri bheag ag iarraidh barrachd air a so, ged nach robh i ga nochdadh sin do neach beò ach a mhàin dha cridhe fhéin: b’ e sin gaol Eobhain bhàn, oir bu leis gun sireadh gun iarraidh a cridhe dìleas, blàth, òg. ’S gann, gun teagamh, a dh’ aidicheadh i so na ’h-inntinn fhéin, air eagal ’s gu ’m brathadh i staid a cridhe do shùilean furachar nan coimhearsnach, no gu h-àraidh do dh’ Eobhain; mar sin bha e gu mor na bu chruaidhe ri ghiulan, mar a bhios gach eallach eile a bhios sinn air-son a chumail o shùilean coimheach an t-saoghail. ’S iomadh uair a lot Eobhain fhéin i gu neo-chiontach le bhi luaidh buadhan a leannain, gun smaointean gun amharus gu ’n robh e ’cur saighead na ’cridhe leis gach facal, ged a bha i cumail a sùilean ciùine, gàireach air ’s ag aontachadh leis fad na h-ùine, ged is beag a bha de thoileachadh na ’com, ach a mhàin na bh’ ann ri linn a bhith ga ’fhaicinn-san sona na ’ghaol, a dh’ fhàgas iomadh uair sinn uile dall agus car féineil, gun mhothachadh gun fhaireachadh a thaobh duine no ni ach a mhàin ar toileachadh glòrmhor fhein. Bha iarmailt Eobhain bhàin gun neul, gun sgleò uige so, ged a bha naimhdean aige; oir co is fhiach a shalann aig nach ’eil. Bha e toilichte na ’ghaol; oir bha Una dhonn ga cùnntas fhéin gle shona a leithid de leannan a bhi aice, agus ’s iomadh ainnir òg chuimir ’san àite aig an robh mor fharmad rithe. Mar a dh’vainmicheadh bha ’n t-òg sparasach, Caiptein Adam, air oighreachd a’ Bheallaich a shealbhachadh, ’s mar a dh’ fhaodar a thuigsinn cha robh e idir na charaide do ’n bheagan tuath a bha gabhail còmhnuidh ’san àite. Ged a bha ’n Dùn, dachaidh Eobhain, air an fhearann aige cha b’ urrainn e dragh sam bith a chur air an teaghlach a thaobh màil; oir fhuair an saighdear còir sgriobhte air an àite gu bràth o sheann tighearn’ a’ Bheallaich air-son seirbhis àraidh a rinn e dha, agus mar an ceudna còir dha fhéin ’s dha shliochd na dhéigh sealg ’sna frìthean mu ’n cuairt uair sam bith a thogradh iad. Mar a dh’ ainmicheadh bha ’n Caiptein uaibhreach, mòralach na staid ùir, gun chogais, gun inntinn, ach miann na mionaid a shàsachadh ’s an t-sùil a thoileachadh. Uige so cha do thachair e-fhein is Eobhain bàn ri chéile aghaidh ri aghaidh, ach cha robh sin fada gun tighinn mu ’n cuairt. Air là àraid dh’ fhalbh Eobhain bàn do ’n bheinn sheilg, agus a thaobh ’s gu ’n robh aige ri dhol astar mor dh’ fhàg e ’dhachaidh ’san t-soilleireachadh, ’s le ceum lùthmhor, làn spioraid agus dòchais, ’s fhuil a ruaiseadh troimh chuislibh, an samhradh sòlasach na h-òige, cha robh e fada fàgail a bhaile na dhéigh ’s a’ toirt a cheann-uidhe, Gleann dubh nan earb, am fradharc. Mu éirigh na gréine, an déigh dha ’bhith ’g imeachd fraoich ùine mhath, chunnaic e damh cròcach eireachdail air stùc as a chionn, a thug air a dhol air chrith le fior aoibhneas an t-sealgair. A glacadh a ghunna gu teann cruaidh, fhuair an sealgair, le iomadh cuairt agus ialaidh cràiteach, dlùth do ’n fhiadh, agus air do ’n bheothach bhòidheach, mheanmnach éirigh o thalamh iomadh troidh ’s e air eagal a ghabhail, thug peileir guineach cinnteach Eobhain bhàin gu talamh e gun chrith. Tacan na dhéigh sin shrac fuaim urchrach eile sàmhchair na maidne, ’s mhùch ceò an fhùdair òr na gréine; agus air do dh’ Eobhain bàn leum suas le ’chuirc gheur na ’laimh, chunnaic e ’n spadaire riomhach sin, le fhéileadh goirid Gàidhealach, a leum na choinneamh o’n taobh eile ’s corc na ’laimh a deanamh direach air fiadh Eobhain. Ach bha Eobhain air na bha dhìth air a dheanamh mu ’n do ràinig an t-òganach e, ged nach robh idir teang’ an fhir sin na ’tàmh uige sin. “Dé,” ars’ esan gu danarra, ’s e bualadh a choise ris a’ bheinn, gniomh a leig ris barrachd dhe ’ghlùinean na bha e ’n dùil, oir cha robh e eòlach air a chulaidh Ghàidhealach a ghiùlan ann—“dé,” ars’ esan, “an gnothuch a bh’ agad, amadain òig, air do chorc shalach mheirgeach a chuir an còir an fhéidh a leag mi? Ma ’s ann air-son dùil a bhi agad ri duais bhuam sid i agad ’s bi toirt do chasan leat!” Le so a ràdh, thilg e bonn-a-sia ruadh air an talamh le bàrr a mhiar aig casan Eobhain, ’s chuir e aig a cheart àm fìdeag airgid ri ’bheul agus shéid e gu cruaidh i. Dh’ fhàs aodann Eobhain cho dearg ris an fhuil; ach thuirt e ris an fhear eile gu socair, stòlda, ’s e glanadh na cuirc: “Mharbh mise ’m fiadh; agus is leam am fiadh. Gheibh thusa do pheileir aig bonn na creige glaise ud thall, agus o nach do ghluais i o’n a bhualadh i is cinnteach gu bheil i marbh! ach gu dearbh cha bhi farmad agamsa riut mu ’m faigh thu dhachaidh i!” Gun an còrr a ràdh, leum Adam, ’s lasair chaothaich as a shùilear, leis a chuirc ghuinich am bad Eobhain bhàin, agus na ’m biodh na bha na rùin air a dhol leis bhiodh an eachdraidh fhìrinneach so a sgur an so fhéin. Ach bha sùil gheur dhìleas aig an t-sealgair, ’s am priobadh na sùla, gun éirigh bhar a ghlùine, ghlac e làmh dheas a’ chaiptein bhuirb air chaol dùirn, agus ged a bha e na ’dhuine òg treun cha b’ fhearr e na gille beag an greim iarnaidh an t-sealgair. “Cha ’n ’eil,” ars’ Eobhain, “galair fo ’n ghréin gun a chùngaidh fhéin ma choinneamh; ’s mar sin tha mi smaointean nach misde do ghalairsa so. Le so a ràdh chuir e Gall an fhéileadh bhig tarsuinn air a ghlùinean ’san t-seann dòigh, is thòisich e gu fuaimneach air a dhéiseadh. Aig an àm nochd dithis chompanach a’ chaiptein, ’s iad air an fhìdeag aige ’chluinntinn. Ged a chunnaic iad an diol a bha e faighinn cha do leig an t-eagal dhaibh tighinn air adhart, air eagal ’s gu ’m faigheadh iad fhéin an aon diol. An uair a thug an sealgair dha na bha e smaointean a bhiodh gu math, chuir e aghaidh Chaiptein Adam air grunnd a ghlinne, ’s thug e upag dha sios, a chuir a leithid de shitheadh roimhe ’s nach fhac e ach ceò bàn gus ’n do ràinig e ’n còmhnard, ’s a chompanaich leòmach na dhéigh cho luath ’s a dheanadh na casan dhaibh. Faodar a thuigsinn dé ’n teine gamhlais agus feirge a dhùisg so an com duaichnidh Adam. Ach o nach b’ urrainn dha ’n sealgair a phàidheadh ’san aon dòigh, chuir e roimhe a lot air dhòigh eile, a bhiodh na bu chràitiche gu mor na cràdh corporra, agus an sin le foill, an uair a bhiodh an t-àm abuich, a mhùchadh as a sholus gu bràth. Bha fios aig Adam gu ’n robh gealladh pòsaidh eadar an sealgair agus Una dhonn, agus nach robh iad ach a feitheamh gus an ruitheadh ùine fhreagarrach an déigh bàs a h-athar gun phòsadh. Thòisich e air an aobhar sin air a tathaich ’s air a coinneachadh ’s gach àite, air a chur suas daonnan aig na h-àmannan so ’s gach riomhadh, gus a dhubhan féineil a bhiadhadh na b’ fhearr. Bha Una dhonn féineil, caochlaideach na ’nàdar, ’s bha ’màthair mar an ceudna cho iomlan ris a ghaoith tuath. Mar sin an uair a chunnaic iad reul cho àillidh snuadh ris a chaiptein a tighinn na ’n iarmailt, cha robh sùil aca tuilleadh dha na reultan mùgach, cumanta, an coimpirean fhein, do ’m buineadh Eobhain bàn mac an t-saighdeir. Cha robh ’n sealgair gun amharus air rudeigin a bhi cearr, ach cha robh e idir a creidsinn gach sgeul a bha teangannan luatha, sleamhain ag innse dha. Cha robh e air-son idir eisdeachd riutha, no ghabhail a stigh gun dearbhadh a shùil fhéin, gu ’n robh a leannan mi-dhìleas dha, no gu ’n sealladh i air fear eile, an déigh nam bòidean a thug iad dha chéile air feasgar fann àraid aig Eas-an-iubhair. Ach mo thruaighe! cha robh e air fhàgail fad’ an teagamh mu ’n chùis. Air feasgar àraidh anmoch a’s t-fhoghar, bha Eobhain a tilleadh dhachaidh o iasgach, ’s gad math aige cuideachd. Bha ’n saoghal ag amharc dha gu bòidheach, taitneach,—gun ghnù, gun ghamhlas na ’chridhe do neach no do chreutair air uachdar, bha e da rireadh ag amharc na àite taitneach do ’n òganach a bhi beò ann ’san àm, an sìth ’s an slàinte bheòthail na h-òige. Bha e ’g imeachd leis na smaointean so mu ’n cuairt gob rudha Phearsanaich, an uair a sheas e, ’s e smaointinn gu ’n cual’ e monmhar bruidhne dluth dhà. Ach cha robh e faicinn ni, ’s ghabh e air adhart gu fàillidh gu cùl sgeire, ’s sheall e thairis, oir bha ainm gu ’n robh ofigich a chrùin ag iathadh mu na cladaichean a glacadh dhaoin’ òga air-son an airm. Mu choinneamh chunnaic e sealladh a chur saighead na ’chridhe, ’s a dh’ fhàg a shaoghal dorcha, dorcha, agus a chuir gach boinne fala le ruais troimh chuislibh thun a chinn; thàinig sgleò air a shùilean, agus mur biodh a chreag ri uchd, treun ’s mar a bha e, bha e air tuiteam. Bha an sin mu choinneamh air an tràigh ghil, Caiptein Adam, air a chur suas cho riomhach ri coileach peucaig; ach b’ ann air an nighinn òig a bha na ’chuideachd, ’s a làmh mu ’n cuairt oirre, a laidh sùilean Eobhain a rithist agus a rithist, mar nach biodh e idir ga ’n creidsinn. Ach cha ghabhadh an fhìrinn falach, searbh gan robh i. Bha an sin, fo ghairdean fir eile, pearsa chuimir ghrinn Una dhonn na bantraich—a phearsa bha e smaointean a bha coisrigte dha fhéin fhad ’s bu bheò i, ach a nis a bha cho dealaichte bhuaithe ’s ged a bhiodh i fuar fo ’n fhòid ghuirm. O, an t-atharrachadh a thàinig air a chruinne ’sa mhionaid bhuaireasaich ud do ’n t-sealgair! Shaoil leis gu ’n d’ thainig greann fhuar air aghaidh nàdair gu léir. Shaoil leis [TD 156] [Vol. 11. No. 20. p. 4] nach dearrsadh a ghrian dha gu bràth tuilleadh leis an òradh a b’ àbhaist di na iarmailt, ’s nach gabhadh e tlachd gu dìlinn na ’obraichean àbhaisteach. Bha e air chorra-biod, a’ dol a leum thairis thun a nàmhaid, gus an gairdean gràineil ud a spionadh as a ghualainn, an uair a thàinig e uige fhein, agus thòisich a reusan air i fhein a chur an géill, ag ràdh ris gur ann gu ’mhath a dh’ fhosgladh a shùilean na àm. Aig an àm dhlùthaich bàta ris a chladach, ’s dhealaich a chàraid a bh’ air an tràigh, ’s thug gach aon aghaidh air an dachaidh. Shuidh an sealgair air a chreig, ’s thòisich am feasgar air ciaradh mu ’n cuairt da, gus mu dheireadh ’n do mhùchadh gach ni na ’shealladh, mar a mhùchadh a dhòchasan fhéin tiotadh beag air ais, ’s chaidh fhàgail aonaranach, ’s gun aig’ ach na spealgan bochda air a charragh air an robh iomhaigh a bhan-dia Una dhonn o chionn ùine cho gearr. An ath latha, ged nach do rinn e moran cadail, bha e faicinn aghaidh na b’ fhearr air cùisean. Bha e ga ’thoileachadh fhein le ràdh gu ’m bu mhath an t-àm an d’ fhuair e mach nàdar Una, seach an uair a bhiodh e tuilleadh is anmoch air-son a chùis a leasachadh. Ach a dh’ aindeoin so bha cridhe ’n t-sealgair brùite fad iomadh latha, agus bu shuarach an suathadh a dh’ ùraicheadh a chreuchdan dha. Bha ’inntinn ’san dòigh fhàs, iongantach ud, a dh’ fhairicheas sinn, air dhuinn fhaighinn a mach a cheud uair nach bi ’san iodhal do ’n robh sinn ag aoradh agus a bha sinn a smaointinn a bha os cionn a chòrr de ’n chinne-daonna gu léir ach criath fior chumanta, a dh’ atharraicheas cruth is dath ris gach àird o’n séid a ghaoth. Cha robh Eobhain a leigeil a bheag air, ach bha Màiri bheag dhìleas ga ’thuigsinn, agus na dòigh shiobhalta fhéin a toirt aotromachadh dha inntinn, le gathan àigh dhe mathas fhéin a chuir troimh ’n duibhre a bha ’san àm ga ’mhùchadh. (Ri leantuinn.) MU ’N CHUL-CHAISE—MUINNTIR GHLINNE COMHANN, 1543. Tha gnàth-fhocal coitchionn air feadh na dùthcha, air a chleachdadh le móran aig nach eil fios ciod is ciall da. ’Se ’n sean-fhocal “Bidh tuilleadh uime na bha mu’n chul-chàise.” Tha fios againn uile nach robh agus nach ’eil dùthaich no cearn de’n domhan anns nach do thachair air an fhear-thuruis dà inbhe dhaoine, ’s iad sin daoine beairteach agus daoine bochda. Tha so mar an ceudna r’a fhaotainn anns a’ Ghàidhealtachd. Bha seana chleachdadh am measg nam fior Ghàidheal a thainig a nuas ré iomad linn, gu ’n rachadh na h-uireasbhidhean so, romh àm na nolluig, air “Faoidh Nolluig” am measg an cairdean agus an coimhearsnaich shaoibhir, a chum ’s gu ’m faigheadh iad nithe leis an cumadh iad féisd na nolluig. Bha ’n cleachdadh so gu ro-shònruicht’ air a chumail am measg muinntir a’ ghlinne. Anns a’ bhliadhna 1543 air maduinn an 19mh là do cheud mhìos a’ gheamhraidh, thàr ochd-fir-dheug air an turus faoidhe. Bha iad òg, curanta meamnach, nach gabhadh giorrag roimh ghnùis nàmhaid, nan uchd cruaidh ghàbhaidh nach meataicheadh ri garbh-fhrasaich fhogharaidh, no sneachda dùmhail dùdlachd geamhraidh, an cas cheum air taobh glinne mar chiar-cheò maduinn fhogharaidh air sliabh beinne. Iadsan a bha ’chòmhnuidh am bràigh a’ ghlinne, thog iad a mach ri Gleann-lic-na-muidhe, tarsuinn a nùnn Catha-na-cuinneagaidh; agus iadsan a bha san t-srath, a mach ri Gleann-an-fhiodha, a nùnn thar Màm-uchdaidh, agus air bheag de latha, shocraich gach buidheann iad féin air Cnocan-na-comhairle, ’se sin tulach bheag uaine bhòidheach air taobh deas Mhàm-uchdaidh, ionad anns am bu ghnàth leis an luchd-faoidhe comhairle ghabhail o’n mhór bhuidhinn an déigh dhoibh uile cruinneachadh, agus socruchadh air an àm agus air an àite anns an tachradh iad a rithist. Air dhoibh air an àm so a’ mhòr bhuidheann a roinn na trì buidhnean beaga, sèanar anns gach buidhinn, agus gach buidheann diubh so ri tachairt air a chéile air feasgar an treas latha, aig Ruithe na coinneimh, am bràigh a’ ghlinne goirid o’n àit anns a’ bheil Tigh-an-Righ agus uidhe bheag o’n àit anns an d’ thug Fionn fial, o shean, fleagh do mhaithean na Féinne; oir b’e sin an t-ionad anns am bu ghnàth leis an luchd-faoidhe cruinneachadh. Air dhoibh mar so an uile ghnothuichean a shocruchadh air Cnocan-na-comhairle, ghabh buidheann diubh a nùnn guala Chorrabheinn, a mach bealach Caol-chréireann, tarsuinn a nunn tre Gleann Eite, a mach Lairig-Dochairt, agus a stigh bràigh Ghlinn-Urchaidh. Ghabh an dà bhuidhinn eile sios Gleann-Créireann, a’ dealachadh r’a chéile aig an Eirilg; buidheann diubh a’ gabhail sìos gu ceann Loch-Créireann, agus a’ bhuidheann eile ’togail a mach slochd Ghlinn-Uidhir, a nùnn thar a’ chreig Eanacha, agus a stigh Ceann-loch-Eite. Bha mar so gach buidheann gu sùnndach, dian, togarrach a’ gairm air gach caraid agus fear-eòlais a thuit tachairt orra. Air an àm shuidhichte, thòisich gach buidheann air an aghaidh a chur ri Ruithe-na-Coinneimh, agus do réir an cùmhnanta, thachair gach aon diubh air feasgar an treas latha. Air dhoibh sgeul a ghabhail gach aon d’a chéile, chuir iad an cuid uile cuideachd, chum ’s gu ’m biodh e a rithist air a roinn ’na thri earrannan, earrann mu choinneamh gach buidhe, agus gach earrann diubh a rithist ri bhi air an roinn ’nan earrannan beaga, ’s e sin earrann mu choinneamh gach fir. Fhuair iad gu maith air an aghaidh leis a’ cheud roinn, gus mu dheireadh an robh aona chùl càise r’a roinn. Thuirt fear gur h-ann air an roinn so bu chòir a chur; thuirt fear eile gu ’m b’ ann air an roinn so bu chòir a chur; agus thuirt an treas fear nach b’ ann idir, ach air a roinn-sa bu chòir a chur; thuirt fear eile nach b’ ann idir, ach air an roinn so. Dh’ éirich mar so connsuchadh ’nam measg; lìon tnù mar so na laoich lan feirg, ’s o gharbh bhriathran gu marbh bhuillean sgaiteach geur, gus fa-dheòidh nach robh mac màthar ann a b’ urrainn sgeul a thoirt mar thachair. Thàinig an oidhche ’s bha ’n cairdean aig a’ bhaile fo mhòr iomaguin agus imcheist ciod an tubaist a thachair air an luchd-faoidhe, a’ siubhal o bhaile gu baile, ag iarraidh an sgeòil nach robh r’a fhaotainn. Mu bhriseadh na fàire thog buidheann a mach ri Innein a’ ghlinne, tarsuinn a nunn gus an Ruithe. Air dhoibh a bhi tarruing fagus do ’n ionad, agus a nis an latha air bristeadh gu math soilleir, ar leotha gu ’n robh iad a’ faicinn mar gu ’m biodh daoine ’nan sìneadh air bruaich uillt a bha siubhal seachad ri taobh an Ruithe. Ràinig iad, agus bha sin an càirdean, na h-ochd fir-dheug ’nan sìneadh gun phlosg! Bha cladach an uillt a bha ’siubhal seachad, agus lochan beag a bha aig ceann an uillt, mar uidhe ceud slat do ’n ionad anns an robh iad ’nan sìneadh, dearg le fuil. Theirte ris an lochan so san àm lochan Ruithe-na-coinneimh, ach uaithe sin gus an latha diugh theirear lochan-na-fala ris. Laimhsich iad na daoine bha ’nan sìneadh gach aon fa leth, agus fhuaras ’nam measg aon anns an robh an deò. Ghiùlain iad e g’a thigh féin, agus le mòr chùram chleachdadh gach nì a b’ urrainnear a smuainteachadh chum a chreuchdan a leigheas, ach dh’ fhàilnich gach oidhirp, agus bhàsaich e ’n ceann beagan ùine. Ré na h-uine bha ’n duine so beò chaidh gach oidhirp a dheanamh air mion-chunntas fhaotainn uaithe, ach cha d’ fhuaras uaithe nas fhaide na tha air aithris an so. Mar so bha toiseach a’ ghnath-fhocail. “Bidh tuilleadh uime na bha mu’n chùl-chàise.”—Cuairtear nan Gleanu. TUS AGUS NADAR DIBHE LAIDIR. LE P. MAC GRIOGAIR. THA anns an t-saoghal còrr a’s leth-cheud priomh-dhuil, de ’m bheil gach ni air a dheanamh suas, agus buaidhean air leth aig gach aon diu. Tha neart de na nithe a chi sinn air an deanamh suas de dha no tri de na duilibh so air an coimheasgadh. Tha cuid diu nach gabh faicinn idir. Dhiu so tha ’n da stuth de ’m bheil an t-aile air a dheanamh suas. Tha ’n cuigeamh cuid deth de ’n phriomh-dhuil ris an abrar oxygen, agus a chuid eile de nitrogen. Nise cha b’ urrainn neach air bith a bhi beo ach uine ghoirid ann an aon de na dùilibh sin air leth. Tha uisge, a rithisd, air a dheanamh suas de hydrogen agus oxygen; da stuth a loisgeas mar ghuail nuair nach ’eil iad measgta feadh a cheile. Mar so tha an staillin soilleir cruaidh a fas ’na luaithre ruadh, agus gach seorsa feòla nan ni breun, nuair tha ’n t-aile a drughadh orra. Faodaidh tu nise a thuigsinn ciamar tha ni cho milis ri siucar air a thoirt á eorna agus a buntata grod, agus ni cho garg loisgeach ri uisge-beatha, á siucar. Tha siucar air a dheanamh suas de dha stuth ris an abrar ’sa Bheurla carbonic acid agus alcohol. Ma chuirear beirm ri siucar air a leaghadh ann am burn, agus gun d’ theid fhagail air dhoigh a’s gun ruig an t-aile air, tha sgaradh air a chuir eadar an dà stuth ud: tha blas milis an t-siucair a falbh agus ’na aite tha blas garg an alcohol, air a choimheasgadh le blas geur an acid. Ged a tha am burn agus iad so fhathasd an ceann a cheile, gidheadh tha iad a nise ’nam boinneagan air leth feadh an uisge. Roi’ so bha an t-alcohol agus an t-acid air an coimheasgadh air dhoigh ’s gun robh gné gach aon diu air a chall, mar anns an t-siùcar thioram. Tha an stuth a nise ’na leann. Gabhaidh stuth coltach ri so deanamh de gach deoch anns am bheil siucar, mar a tha sùgh nan ubhlan agus nan fion-dhearcan. Oibrichidh sùgh mheasan mar iad so, gun bheirm idir, ma dh’ fhagar iad sgaoilte ’san aile: ach ma dhuinear suas iad ann an soitheach, cha ’n oibrich. Ach far am bheil a mhain siucar agus uisge glan, no stuth mar bhrailis, cha’n oibrich e gun bheirm a chuir ris. ’S e na tha de mhùthadh eadar fion agus leann, gur e fuigheall nam fion-dhearc a th’ anns an dara h-aon, agus fuigheall eorna no slait-shiucair a th’ anns an stuth eile, maille ri uisge, carbonic acid, agus alcohol. Ma leigear leotha seasamh anns a ghaoith car uine bheag, falbhaidh an t-acid feadh an athair agus caillidh iad am blas geur; ach tha iad cho garg agus cho laidir ’s a bha iad roimhe; oir is e an t-alcohol a mhain a tha a’ losgadh agus a’ togail misg. Ach ma bhlaithichear iad, tha ’n t-alcohol agus beagan de’n uisge ag eiridh comhla ris an acid; agus mar is treise an teine, ’s ann is mugha a dh’ eireas de’n uisge. Nise ma ghlacar an toit ann am feadan fada fuar, coltach ri cnuimheag na poite duibhe, tha an t-alcohol agus an t-uisge ag éiridh nam boinneachan an ceann a cheile, ach tha an t-acid a sgaoileadh feadh an aile. Tha, mar an ceudna beagan de stuithean sleamhain eile, a bh’ anns an leann no ’s an fhion, a leantuinn riutha; agus ’se so a mhain is aobhar air na tha de mhuth eadar branndi, rum, agus uisge-beatha, ach gum bheil beagan tuill’ uisge ann an cuid diu na th’ anns a chuid eile. Tha [TD 157] [Vol. 11. No. 20. p. 5] gach aon diu soilleir mar uisge-beatha gus am bheil dath ’g a chuir orra, an deigh a bhi air an tarruinn. ’S ann as an t-siucar a mhain a tha an t-alcohol a tighinn; agus cha’n ’eil an t-atharach is lutha eadar an t-alcohol a th’ ann an uisge-beatha agus an t-alcohol a th’ ann an leann, no ann am fion, no an dibhe air bith eile. Tha doigh aig daoine foghluimte air an t-alcohol a sgaradh gu tur bho gach ni eile: agus mar so fhuaras a mach gum bheil tuille as leth an uisge-bheatha ’na alcohol, agus gur uisge glan, gu inbhe bhig, a chuid eile. Is alcohol an ceathramh cuid de ’n fhion a thatar ag òl anns na rioghachdaibh so: agus mar sin tha e soilleir gum bheil dà ghloine fhion faisg air a bhi cho druighteach ri aona ghloin uisge-bheatha. Mar is treise an stuth, ’s ann is mugha an diughail. Nuair a tha uisge an ceann alcohol, cha ’n ’eil an t-aon tomhas deth buileach cho garg ’s a nuair a tha e gun mheasgadh agus uime sin feumar beagan tuille dheth òl mu ’n druigh e air neach cho searbh ’s a nuair nach ’eil sion ’n a cheann. Ach ’se so na tha de mhùth eadar a bhi ’g òl alcohol ghlan agus a bhi ’g òl leann, fion, uisge-beatha no deoch air bith de ’n t-seorsa. Tha mi creidsinn gum bheil fios agad fhein, a leughadair, gum feud duine a’ bhi air mhisg le leann no le fion cho math ’s le uisge-beatha: agus tha ’n tuille dhiu sin cho diubhalach air gach doigh ri tomhas na ’s lutha de ’n uisge bheatha. Feudar a thuigsinn, on bhlas a th’ air alcohol, agus mar a sgaoileas e ’m beul, nach biadh no deoch e. Thug ar Cruitheir dhuinn ar blas agus ar faireachdainn a chomharachadh an ni a tha feumail bho ’n ni a tha cronail do ’r pearsa. Nise nan tugamaid uisge-beatha do neach nach cualadh ni riamh mu dheibhinn, ’s ann a chuireadh e mach e agus braoisg air, mar is minig a chithear air daoine an deighe balgum dibhe a shlugadh; cha dean duine paiteach mar sin an deigh uisge òl; ni mo a tha iotadh a fantain an deighe dha gu leoir òl. Ach tha alcohol garg, loisgeach; agus an aite e chasgadh pathaidh, mar is mugha a dh’ olar dheth, ’s ann is mugha ar patha, agus ’s ann is mugha ar deidh air tuille, a mheud ’s ’g an òl sinn. Tha clann an toiseach ’g a shlugadh gu sgairteil, ged a bheir e deoir bho ’n suilibh, on a tha iad a’ smuaineachadh gum bheil e cluiteach dhaibh gun smuairein a ghabhail a ni a tha ’g an goirteachadh; agus mar so tha iad ag ionnsachadh òl gu toileach. Nuair a tha alcohol a ruigheachd a ghoile, tha e ’g a sgaldadh; agus ma tha neach a leantainn fada air a bhi ’g a òl tric, tha e a losgadh air falbh a chochail a tha a’ comhdachadh taobh a stigh a ghoile gu leir. Fhuaras so a mach le dearg-lighichibh a dh’ fhosgail cuirp dhaoine a bha trom air an deoch; agus ’s ann mar so a fhuaras a mach gu coimhlionta an doigh anns am bheil an deoch laidir ag oibreachadh air pearsa an duine. Nise tha so buileach cronail: oir nuair a loisgear an comhdach so, tha an sùgh a tha a’ sruthadh troimhe a’ call a chuid mhòr d’ a neart; agus ’se ’n sugh so is meadhon air a bhiadh a chnamh. Tha alcohol a cuir bacadh air cnamh a bhidh cuideachd, a chionn gun cùm e ni air bith a chuirear ann gun chaochladh. Nuair is math le leigh ball-cuirp a chumail gun ghrodadh, cuiridh e an alcohol e. Loisgidh so an taobh a mach dheth; ach cha tig muthadh tuille air, ged chumtadh an sin mile bliadhn’ e. An deigh a bhi uine bheag anns a ghoile, tha an t-alcohol a dol am measg na fala, agus a’ sgaoileadh air feadh an eanachainn, agus gach ball de ’n chorp. Tha e nise a’ cuir teas feadh na colluinne gu leir; agus tha daoine a faineachadh a bhi ni ’s beothaile, ni ’s misneachaile, agus ni ’s neo-umhailiche mu gach ni; agus tha an smaointean troi’ a cheile, air dhoigh ’s nach urrainn iad cuis dhomhainn a rannsachadh mar air uairibh eile. Mar so tha an lasanan agus an anamiannan air an neartachadh, agus an tuigse aig a cheart am air a cuir fo mhi-riaghailt. Tha daoine an sin deas air nithe a labhairt nach bu choir dhaibh, air a bhi cuir bòsd asda fhein, agus a deanamh tair air daoin eile, agus air geilleadh do gach droch run a dh’ eireas ’n an inntinn. “Amhaircidh do shuilean,” arsa Solamh, “air mnaibh coimheach, agus cuiridh do chridhe an céill nithe claona; agus bithidh tu mar an ti a luidheas sios ann am meadhon na fairge, no mar esan a luidheas air barr croinn siuil.”—Gnath-fhocal, xxiii. 33, 34. Mar so tha daoine fo chumhachd deoch laidir air an tarruinn gu braid agus neo-ghloine, gu connsachadh, trodadh, agus math dh’ fheudte gu mort. Tha Breitheachan agus Maoir a Chruin ag radh gur h-e ’n t-ol is aobhar corr a’s da thrian de na ciontaibh a th’ air an cuir an gniomh air feadh Bhreatann. Bheir bodach de dh’ alcohol glan bas duine an uine ghearr agus foghnaidh leth-bhodach do neach òg. ’S e ’m fàth nach ’eil daoine a tha ’g òl tuill’ a’s so a’ basachadh nach ’eil iad ag òl moran deth comhladh; oir an deigh dha sgaoileadh feadh na fala, tha moran deth gu h-ealamh a’ tighinn amach troi a chraicionn agus ’s an anail. Ged a tha e a’ dol am measg na fala, cha ’n eil boinne dheth a’ fas ’n a fhuil, mar a tha gach seorsa bidh. Tha so a feuchainn nach ’eil toradh air bith ann; oir tha dearbh fhios aig daoine foghluimte gur ann as an fhuil a tha an corp gu leir air a bheathachadh. Cha ’n eil an alcohol ach gual a’s uisge; agus cha’n ’eil e a toirt neart do dhaoine ni ’s mugha na tha a chuip a toirt neart do ’n each. Tha e cuir teas agus buaireas feadh na fala; agus uime sin tha moran a’ smaoineachadh gum bheil e ’g an neartachadh. Ach beachdaicheadh iad ciod a tha tighinn ’n a dheighe; agus chi iad gur ann a tha e ’fàgail dhaoine fann agus an-fhulanach. ’S e fois a’s biadh a mhain a shuidhich Freasdal chum neart ath-bheothachadh, agus foghnaidh iad so; a’s cha ’n ’eil feum an ni eile. Ged a tha e cuir teas feadh a chuirp an toiseach tha e a fosgladh pòran a chraicinn, agus tha an duine a rithist ni ’s buailtiche do fhuachd agus ni ’s fhuaire na bha e mu’n do d’ òl e boinne dheth. Mar so chualthar mu iomad neach a mheilich le fuachd an taobh tuath America, a cheann gun d’ òl iad mòran branndi ri latha reota geamhraidh. Labhair na baird moran mu ’n chridhealas a tha ’g eiridh bho dheoch laidir; ach b’ e sin cridhealas na boilich agus na connspoid, a dh’ fhagadh daoine tiamhaidh, crosda, an la-iar-na-mhaireach. Cridhealas gu dearbh! Ciod an cridhealas a th’ aig bean agus cloinn a mhisgeir nuair a tha iad ’n an crùban gu luideagach, acrach mu theallach fuar, lom, agus esan ag ol ’san tigh-leanna an ni bu choir biadh agus aodach a cheannach dhaibh, agus a chuireas fuaim a cheuman a tighinn dachaidh sgàth orra, agus cha ’n e aoibhneas, mar bu chubhaidh? Be sin cridhealas na bochdainn agus na truaighe! Ciod an cridhealas a th’ aig a chairdibh nuair a tha e ’g an ruigheachd cho goirt ’s gum bheil iad cuid de dh’ uairibh a runachadh gun tigeadh crioch air a laithibh? Ma ’s math le daoine stuth diubhail òl a ni cridheil iad car seal, faigheadh iad luach sgillinn no dha de ’n aile ris an abrar ’sa Bheurla laughing gas. Bheir so orra garachdaich gun allsach, agus leum le h-aoibhneas; agus ged a tha e cronail, cha ’n ’eil e cho cronail ri alcohol, agus tha e mòran ni ’s saoire: no ma ’s math leo ni a bheir mor-shubhachas dhaibh, oileadh iad beagan opium. Bheir sin orra bhi cho sona ciuin ’s ged a bhitheadh iad am flaitheas. Tha ’n stuth so gun teagamh ro chronail, laidir, oir ’se a tha moran a gabhail nuair a tha iad a cur as daibh fhein; ach cha chuir e daoine air chaothach mar a ni alcohol. Tha so cuideachd cheart cho laidir, cronach; oir tha e toirt bàs moran feadh nan rioghachdan so gach latha; agus ma dh’ òlas duine dheth uimhir ’sa dh’ oladh neach paiteach de dh’ uisgo, bheir e bàs obann air. Tha na nithe sin a feuchainn gu ’m faod iomad ni cronail gean a chuir air daoine, agus faochadh a thoirt daibh car tiota. Be bhi cur as teine le bhi cuir connaidh air, bhi ’g òl alcohol chum pathadh a chasgadh: oir ’s ann a chuireadh e tart air daoine air nach ’eil pathadh. Th deoch laidir a fagail dhaoine ni ’s buailtich do gach seorsa galair; agus ni ’s taise an deigh a gabhail: agus a bharr air a so, tha i togail mòran ghalaran do dhaoine gun aobhar air bith eile. “Cha ’n aithne dhomh aon ni eile,” ars an Leigh Trotter, “a tha togail tuille eucail na deoch laidir.” “’S e ar barail” arsa tri air fhichead de na Leighibh a ’s ainmeile an Lunnuinn, “nach ’eil ni a b’ fhearr chum anshocair a laodachadh, agus slainte a chumail ris gach neach, na sgur gu h-iomlan de bhi ’g òl deoch laidir.” “Air gach ball de ’n chorp air an druigh i,” ars an t-ollamh Allen, “tha i ’g oibreachadh mar phuinsein.” Tha na daoine ris an abrar Quakers comharraichte air son a bhi seachnach air deoch laidir; agus uime sin tha am beathasa, a reir a cheile, ceithir bliadhna deug ni ’s fhaide na beatha a chuid eile de ’n t-sluagh. Tha cuid de ghalaraibh sgrathail do ’m bheil misgeirean amhain buailteach. Cha ’n fhaod daoine a bhi smuaineachadh nach ’eil deoch laidir a’ deanamh coire dhaibh ach nuair a tha i ’g an goirteachadh; oir tha leighean ag innseadh gum bheil i deanamh coire an còmhnaidh, air cho beag ’s ’g an gabhthar dhi, agus gum bheil neach cuid de dh’ uairibh gun ghoirteas air bith, nuair a tha taobh a stigh a ghoile air iongrachadh le dibhe. Mar so tha moran ’g am mealladh fhein mar a bha ’m fear a thubhairt gun robh esan ’na ioma shlainte ged a bha e ’g òl moran leanna car fhichead bliadhna, agus bhasaich e leis an t-ath latha. Cha ’n ’eil beathachadh idir an uisgebeatha, no deoch laidir air bith a th’ air a tarruinn mar sin; agus cha ’n ’eil beathachadh an leann ach na th’ anns an leann-loisgte, a bheirear do na mucaibh. Cha ’n fhearr fion no portair. Tha cor moran sheoladairean agus dhaoin’ eile a leig dhiu deoch laidir gu tur, a dearbhadh gur ro mhearachd barail nan daoine a tha smuaineachadh gum bheil alcohol a neartachadh neach; oir tha iad uile ag radh gum bheil iad ni ’s treise ’s ni ’s cruadalaiche, agus ni ’s murraich air mòran obair a chur troi laimh na bha iad an uair a bha iad ag òl a bheag no mhòr dhi. Tha mile mhilltean punnd Sasunnach leth-cheud uair thairis air a chosdadh gach bliadhna ’s na rioghachdaibh so air deoch laidir, suim a chumadh suas na bheil de shluagh an Albainn car thri bliadhna. Chuireadh na thatar a’ cur a h-aithne dh’ eorna an Breatunn comhdach, slat air dhoimhnead, air rathad mor, coig slat air leud agus da cheud agus sea mile deug air fad. Tha deoch laidir a toirt moran tuille call air an rioghachd na tha an stuth a’ cosdadh; oir tha i toirt moran dhaoine gu bochdainn a’s laigse, a tha ’n sin a tighinn beò air daoin eile, agus tha na milltean a tha i toirt gu cionta nan eallaich air an duthaich, air dhoigh no doigh. ’S i is aobhar air moran de na losgachaibh caillteach a tha tachairt tric air feadh na rioghachd, agus air iomad long bhriseadh, far am bheil moran bathair air a chall an comhnaidh, ’s iomad uair beatha dhaoine. [TD 158] [Vol. 11. No. 20. p. 6] A bharr air a so, tha i tarruinn air daoine moran ghalaran agus chuisean lagha, a tha cosd ro mhoran airgid. Math a dh’ fheudte gun abair thu gum bheil leighean gu tric a comhairleachadh do dhaoine deoch laidir a ghabhail, airson feum an slainte. Ach tha mise ag radh riutsa gum bheil leighean mar so a toirt iomad neach gu dubh mhisg. Cha bu choir dhaibh so a chomhairleachadh uair air bith oir cluinn ciod thubhairt Johnson, leigh ainmeil an Lunnuinn. “Tha mise ag radh gum bheil iad” (’s e sin deochan laidir) anns gach cuis cronail mar dheoch, agus nach ’eil feum orra mar leigheas, a chionn gum bheil stuithean eile againn a ni an gnothach a cheart cho math, mur dean ni ’s fhearr.” Ach tha leighean ’g a’ toirt do shluagh euslan iomad uair, cheann gum bheil iad furasd am faotuinn, agus taitneach do ’n ghoile a thug iad fo ’n leigh. Thachair do mhoran de leighibh mu alcohol mar a thachair dhaibh bho cheann fada mu lotaibh. Bha e chleachda aca ola goileach a thaomadh orra agus theireadh iad nach gabhadh lot leigheas ceart gun so. Thachair do Fhrangach do ’m b’ ainm Pare aon uair nach b’ urrain da ola fhaotainn; agus mar sin fhuair e doigh air lotan a leigheas ni b’ fhearr gun ola idir. ’S e thubhairt leigh Gallda ri brathair-ceird da an Duneidin: “Cha bu choir dhuit a bhi cho dian an aghaidh dibhe, oir ’s ann oirre a tha sinn a deanamh moran de ’r cosnadh.” Tha so leigeadh ris aon aobhar airson cuid de leighibh a bhi air taobh an òil. Tha cuid de na leighibh a’s fhearr an Duneidin ’s an Lunnuinn air leigeadh dhiù bhi ’g orduchadh dibhe an cuis air bith. Ma bha daoine faotainn a chuid a b’ fhearr de na h-eugailibh air son an robh na Gaidheil a toirt uisge-beatha dhaibh, ’s ann a dh’aindeoin air an leigheas mar bu trice, ’s cha b’ ann le chònadh, mar a chi neach air bith a smuainicheas air buaidhibh alcohol. Cha ’n ann air pearsa agus air sporan duine amhain a tha deoch laidir a drughadh: tha i milleadh a chinn agus a chridhe cuideachd. Tha mheamhair a failneachadh, agus tha an tuigse air a h-an-fhannachadh ’s air a dalladh; agus tha an cridhe a fas fuar gun fhaireachdainn. Tha gach aon duine a bha riamh trom air an deoch ’na dhearbhadh air a so. Tha iad a fas clannail, gun seagh, gun fhirinn, agus gun onoir; agus ma gheobh iadsa pailteas dibhe, ’s coma leo ged rachadh an saoghal a dhith. Nach uamhasach an sealladh duine tapaidh, gasda, teodh-chridheach fhaicinn air a thoirt chum na staid so! Ach math a dh’ fheudte gun abair thu—“O, ’sann bho anameasarrachd tha so uile a tighinn; nam fanadh daoine air cuimse, cha bhitheadh ni am mearachd.” ’S ann an so a tha chealgaireachd air am bheil Solamh a’ labhairt. Mur blaiseadh daoine boinn’ idir, tha e soilleir ri fhaicinn gun rachadh a mhisg agus gach diubhail a tha ’n lorg air chul a dh’ aona bheum. Ach ged a bha an langan so, fanaibh air cuimse, an cluasaibh dhaoine bho cheann còr a’s da mhile bliadhna bha a mhisg a sior neartachadh gus ’n do theann sluagh ri leigeil dhiu a bhi ’g a bhlas. Bha gach neach lan dearbhte nach d’ tigeadh an latha ’s am bitheadh esan na mhisgeir: ach a dh’ aindheoin gach comhairle agus earail a ghabhadh toirt daibh, thainig an latha ’s an robh milltean diu nan dubh mhisgeirean. Tha e furasd fhaicinn carson a bha na comhairlean ud gun fheum. “Fanaibh air cuimse,” ars iadsan; ach cha d’innis iad daibh ciod e cuimse, oir cha b’ urrainn daibh, cha robh nan comas an tomhas ainmeachadh; oir cuiridh tomhas nach aithnich fear aige misg air fear eile; agus cha ’n e an tomhas a chuireadh misg air neach an uiridh a chuireas misg air am bliadhna. Cha mhugha a b’ urrainn daibh a radh, a thaobh biadh a’s deoch, iad a ghabhail gus nach bitheadh deigh aca air tuille; oir mar is mugha a dh’ òlas neach ’s ann is mugha a dheigh air tuille. Cha robh math dhaibh a radh iad a dh’ òl gus am faireadh iad an cinn a fàs eatrom; oir air cheann sin bhitheadh daorach bheag orra. Ach ’s ni faoin a bhi a’ bruidhinn air cuimse an leithid so de chuis. Se cuimse, gu leoir de ni feumail. Cha ’n urrainn cuimse a bhi an nithe cronail. B’ amaideach do neach a radh nach robh eucoir cronail nam fanadh daoine air cuimse; agus tha e cheart cho amaideach a bhi ’g radh nach ’eil cron an deoch laidir ma dh’ fhanas daoine air cuimse, nuair a tha i deanamh cron air cho beag ’s gan olthar dhi. ’S ann o bhi ’g òl beagan an drasd’ ’s a rithisd a thainig gach misgeir a bha riamh air thalamh gu fas deidheil air an deoch, agus gu bhi ’g òl moran. Cha chualas iomradh air neach riamh a thainig gu bhi na mhisgeir a dh’ aona bheum. On a tha nadur an duine agus buaidhean na dibhe direach mar a bha iad, an ni a bha ’s e a bhitheas. Fhad ’s a bhitheas daoine ’g a blasad, thig moran diu gu bhi ’n am misgeiribh. Tha gach neach deas air a bhi ’n duil gun teid esan as, on a chaidh daoine eil as: ach beachdaicheadh e air a chuis gu geur, gun chlaon-bhreith, agus chi e nach ’eil dearbhadh air bith aige nach bi e air aon de ’n dream air an toir an dibhe buaidh. ’S e thug air moran fas trom air an òl gun robh iad am barail nach tigeadh an latha a thigeadh iadsan gu bhi mar so. Tha duine cinnteach nach ionnsaich e ’n t-òl fhad ’s nach blais e boinne, ach ma tha e ’g a bhlsaad cha ’n urrainn dha bhi cinnteach. Cha ruig mise leas ni a radh mu ’n doigh anns am bheil daoine carach mealladh dhaoine eile troi mheadhon deoch laidir, agus a faotainn uapa brath air iomad ni nach bu choir dhaibh innseadh; oir cha ’n ’eil moran ’s a Ghaidhealtachd aig nach ’eil fhios air a so a cheana. Na bitheadh daoine a smuaineachadh nach dean dibhe coire dhaibh mur òil iad uair air bith gus am bi an dall daoirich orra: oir tha daoine foghluimte ag innseadh gu sonraichte gum bheil a bhi ’g a bhlas tric ni ’s miosa na bhi ’g ol moran corruair, agus gur luaithe bheir e bas duine a tha ’g ol beagan gach latha na bas fir a dh’ olas aon uair ’s a mhios gus am bheil e call a bheachd agus lùs nan cas. Chunnacas daoine do ’n do thog a bhlaisemeineachd so an galar ris an abair leighean delirium tremens, no am boile critheanach eucail sgàthach, nach fhacas riamh air neach a bha seachnach air deoch. Dh’ innis mi dhuit gun oibrich sugh mheasan nuair a dh’ fhagthar iad sgaoilte fo’n aile. ’S ann mar so, a reir coltaich, a fhuaras amach deoch laidir an toiseach. Nuair a thug Noah an sùgh as na fion-dhearcaibh, chaidh leigeil leis seasamh an saothach fosgailte; agus mar sin dh’ oibrich e. Nuair a dh òl se dheith, thug e ’n aire gun d’ fhas e beothail ’na dheighe: agus mar sin mheallthar e, mar a mheallthar cho lion mile d’ a shliochd ’na dheighe. Shaoil daoine nach deanadh e coire air bith mur òileadh iad gus am bitheadh iad air mhisg; oir nuair nach òladh iad ach beagan cha robh an t-olc cho mòr na cho soilleir; agus tha daoine deas air a bhi leigeil as am beachd nan duibhailcean a tha tighinn an lorg ni a tha toirt toileachadh dhaibh aig an àm; agus mar sin lean daoine air a bhi ’g òl alcohol gus an latha an diugh. Cha robh eolas aig daoine air stuithibh tarruingte mar uisge-beatha gu naoi ceud bliadhna an deighe teachd ar Slanuighear. Mu ’n am sin bha daoine am barail gun gabhadh stuth faotainn a thionndadh gach ni gu h-òr; agus uime sin smuainich ollamh Arabach gum feuchadh e ri fion a tharruinn, gun fhios nach fodhnadh an stuth a thigeadh as; oir bha iad eolach air tarruin roimhe so; agus bha fios aca gun robh an stuth tarruingte moran ni bu treise na ’n stuth ás an d’ thainig e. Rinn e sud, agus ’s ann mar sin a fhuaras a mach branndi no uisge-beatha an toiseach. Cha deanadh e òr na airgiod de ni a chuirthear ann; ach bha e moran ni bu treise gu daoine a bheothachadh car seal na fion. ’S ann airson so a thugthar uisge beatha mar ainm air—ach ’s e uisge bais ainm bu fhreagarraiche gu mor. Chaidh buaidhean an stutha a mholadh thair tomhas; cha mhor nach tugadh e beo na mairbh, a reir na h-aithris. Bha daoine ’san àm sin ro aineolach, agus deas gu bhi creidsinn gach ni a dh’ innsear dhaibh, a bha idir dealbhach, gun a bhi ’g iarraidh dearbhan pongail gun robh e fior; agus mar sin chreid iad gum bu leigheas ro fheumail alcohol. Ach ’s ann mar leigheas amhain a ghnathaichtear é car sheachd ceud bliadhna, agus cha robh e ri fhaotainn ach am buthaibh nan leigheas-reiceadairean. Ach chomharraich cuid de na h-Arabaich mar a chuireadh branndi daoine air bhoile car seal; agus uime sin thug iad alcohol no al goril mar ainm air, ’s e sin, air eadar-theangachadh, an droch spiorad, agus lean an t-ainm sin gus an latha ’n diugh. Fhuaras amach a rithisd gum faidhtear stuth co-ionnan a leann no ni air bith mar sin; agus their na Gaidheil anise uisge-beatha ris an stuth a gheobhar a leann bracha. Bho cheann còrr us da cheud bladhna thoisich cuid ri smuaineachadh gur cinnteach gun robh e feumail do dhaoine slainteach, cho math ’s do dhaoine tinn, ged a tha dearbh fhios aig gach leigh gum bheil gach leigheas cronail do dhaoine slainteach; agus mar sin, uidh air ’n uidhe, thainig daoine gu bhi ’g a òl air gach tachartas.—An Gaidheal. Toradh an Fhearainn. (Oban Times). Bha stoirmean fiadhaich againn o cheann ghoirid, agus tha eagal air mòran gu’m bi so gu tur an aghaidh fàs is fogharadh air a’ bhliadhna so. Ach tha so ri thoirt fainear gu’n robh toiseach na bliadhna a dh’ fhalbh cho fliuch ’s cho dona ’s a dh’ fhiosraich sinn o cheann ioma latha. Ach a dh’ aindeoin so uile bha fogharradh anabarrach math againn. Bha toradh na tìre ni bu reachdmhoire na bha e ioma bliadhna roimhe so. Bidh so ’na aobhar-ghàirdeachais do mhòran a thaobh gearain an latha. Cha’n ’eil ni ’sam bith a’s motha a’ dh’ aobharaicheas bròn ’s an tìr na gu’m biodh ar tuathanaich a’ fulang call a nì am biadh car daor. Tha e duilich ri thoirt fainear nach ’eil sinn a’ togail a’ h-uiread do bhiadh ás an fhearann ’s a bu chòir dhuinn. Tha so ag éiridh o laghan eucorach agus o na h-iarrtuis a th’ aig na Gàidheil bhochd a bhi faotainn saorsa anns na bailtean o na cumhachan searbha a rinn strìth na beatha ’na cruaidh-chàs is na trioblaid nach b’ urrainn mùinntir dhuineil a ghiùlan. Ach tha dòchas gu’m bi cùisean ni ’s feàrr anns na bliadhnaibh ri teachd. An turus mu dheireadh a bha Morair Citsiner ann an Lunnainn, thainig caraid g’ a ionnsaidh a cruinneachadh airgid air-son fear-lagha bochd a bha air caochladh a thiodhlacadh. ’Se tasdan a bha e ’g iarraidh air gach neach a ruigeadh e, agus ’s e tasdan a dh’ iarr e air Citsiner. “Tasdan a thiodhlacadh fir-lagha!” arsa Citsiner ’s fiamh a’ ghàire air. “So dhut gini ’s tiodhlaic fear air fhichead dhiu.” [TD 159] [Vol. 11. No. 20. p. 7] CLARSACH AN DOIRE—Is còir dhaibh-san a tha air-son an leabhar luachmhor so a chosnadh dol a dh’ obair. Cha mhair an tairgse thug sinn seachad ach fhad ’sa mhaireas na th’ againn de na leabhraichean air làimh. A’ “Chlàrsach” a nasgaidh do neach sam bith a gheibh triùir luchd-gabhail ùra. ORAN DO ’N AOIS. LE AILEIN NAN SIONNACH. Mile marbhaisg air an aois, ’S iomadh caochladh bheir i oirnn, Fagaidh i gu seachdaidh cruaidh Ghruaidh a bha cho dearg ’san ròs. ’M falt a bha gu sleamhuinn, mìn, ’S nuair chìrt’ e air lith an òir, Fasaidh e caiteineach, ciar, ’S cuid eile cho liath ri clòimh. ’N t-sùil a bha gu soilleir, glan, ’Toirt soluis do ’n chorp gu léir, Tàirnidh an aois oirre smal ’S cha léir dhuit gu ceart do mheur. Chluas a bha gu furachair, geur, Leis an cluinnt’ am feur a fàs, Rinn an aois a druideadh suas, ’S cha chluinn thu gun nuallan àrd. ’N deud a bha mar ìbhri shnaight’, Cho geal ri cailc ann ad bheul, Cnàmhaidh ise am bun ’s am bàrr ’S bidh an càirein lom na ’deidh. ’N teanga bha gu sgiolta, grinn, Cho binn ri smeorach air ghéig, Mar thromb is a teanga brist’ Chìnn na ’gliogan ann ad bheul. ’N gàirdean ’san robh spionnadh mor, Leis an tilgteadh òrd is clach, Tàirnidh an aois uaith a lùths, ’S trom leis a bhith giulan bat’. Chas a bha gu làidir, luath, Leis am buidh’nteadh buaidh ’san réis, Cha dean i ceum gun am bat’, ’S gum feumadh i taic na déidh. Goididh ’n aois do chuimhne uait, ’S tàirnidh i ort snuadh an aoig, ’S gheibh thu ’n sin tigh còmhnuidh buan; ’S neo-shuairc an leannan an aois. Rugadh Ailein Mac-an-t-Saoir an Cille-Bharra faisg air an Tairbeirt. Bha e na ’bhrocair an Ceann-tìre. Bha e math air cur as do na sionnaich, agus mar sin theirteadh Ailein nan Sionnach ris. Tha cuid ag radh nach robh e a cur as do na sionnaich uile, air eagal ’s gun rachadh a thilgeadh am mach a obair. A GHRUAGACH DHONN NAM MEALL-SHUILEAN. LE EOGHAN OG AN STRATH-NIN. ESAN. A ghruagach dhonn nam meall-shuilean, Gun d’ chum thu ’n raoir am chaithris mi; Gur beag tha dh-aogas cailinn ort, ’S do chùl mar fhaileas òir. Mo rùn dhuit ainnir òig. ISE. Gun d’ thog iad moch Di-haoine orm Gun deachaidh mi do ’n chaochan leat; Cha d’ fhuadaich sid mo ghaol-sa dhuit, Nam faodainn a bhi beò.— Mo rùn dhuit Eóghain òig. ESAN. Gun d’ thog iad moch Di-sathairn’ orm, Gun robh mi-fhìn a laighe leat, Bidh sinne mar sin fhathast, Is don-rath air luchd an sgeoil.— Mo rùn dhuit ainnir òig. ISE. Na ’m biodh de ghaol aig baintighearn’ ort Na thug mi-fhìn bho Chaingis dhuit, Bu shuarach chuirteadh saibhreas leath’; Gum b’ oighreachd leath’ do phòg.— Mo rùn dhuit Eóghain òig. Ged bha thu ’n raoir ’san ridhe so, Cha d’ fhaod mi ’dhol a bhruidhinn riut, Do bhreacan trom fo ’n t-snighe Is mo chridhe-s’ air a leon.— Mo rùn dhuit Eóghain òig. ’S ann aig a’ ghlacaig sheilich ud A rinn sinn fhìn an dealachadh; Bu chaoimhneil blàth ar faireachdainn, ’S gu talamh ruith na deoir.— Mo rùn dhuit Eóghain òig. Bu mhac Eóghan Og do dh-Eóghan Domhnallach ann an Strath-Nin, faisg air caisteal na Moighe. Ghabh e gaol air nighinn breabadair a bha na ’banseirbheiseach an taigh athar. Bha a chuideachd an aghaidh dha a pòsadh. Thug e an t-arm air, agus dh’ eirich e gu bhi na ’chaiptein. Thill e dhachaidh an ceann sheachd bliadhna, agus phòs e an nighean. Bha da mhac aca, Gileabart agus Aonghus. Tha co dhiù tri fichead bliadhna o’n a chaochail e. CRUACHAN BEANN. LE PARUIG MAC-AN-T-SAOIR. Cruachan Beann, Cruachan Beann, Cruachan Beann ’s mòr mo thlachd dheth, Cruachan Beann le ’chuid meall ’S a chuid allt ’ruith troimh ’ghlacaibh. Cruachan Beann ’s e cho mòr, Tha e sònraicht’ ri ’fhaicinn, Cha ’n fheil a leithid ’s an Roinn-Eòrp’, ’S geal a chòt’ ri àm sneachda. Clann an t-Saoir gam bu dual ’Bhith na ’chluaineagan fasgach, Bha iad uair a seòl air chuain ’S fhuair iad buaidh ann le gaisge. ’S iomadh linn bho ’n fhuair iad còir Air a ghleann ’s bòidhch’ ri ’fhaicinn, ’S fhad ’s a ruitheas uisg’ gu cuan Bidh an dualchas sin aca. Fine ’s duineile gun ghruaim, ’S iomadh buaidh a bha ’n taic riu; ’S mairg a theannadh orra dlùth ’N àm bhith rùsgadh nan glas lann. ’S iomadh blàr ’san d’ fhuair iad buaidh, ’N àm dol suas gum bu bhras iad, ’S an ceann-cinnidh air an ceann Toirt comànnd do na gaisgich. ’N Leitir Beann chaidh m’ àrach òg, Deiseir bhòidheach nam badan, Gheibht’ am fiadh air an t-sliabh ’S earbag riabhach ’s gach lagan. Aite ’s maisiche fo ’n ghréin ’Chaoidh cha léir dhomh ri ’fhaicinn, Leis gach seòrs’ a tha ’san fhonn Feadh gach tom ’s air gach stacan. Soraidh nis le Cruachan Beann, ’S leis gach coire ’s gleann tha ’n taic ris; ’S e mo dhùrachd Clann an t-Saoir ’Bhith chòmhnuidh air gach taobh na ’fhasgaibh. Rugadh Pàruig Mac-an-t-Saoir an Leitir Beann aig Loch Odha ’sa bhliadhna 1782. Bha e greis a cumail sgoil an Diura. Thàinig e a chumail sgoil aig Loch Odha ’sa bhliadhna 1811. Bha e na ’mhaighstir-sgoil sgìre an sin ré da fhichead bliadhna ’s a ceithir. Phòs e Ciorstaidh Shinclair an Achadh-na-craoibhe, agus bha siathnar chloinne aige, Donnachadh, Iain, Alasdair, Pàdruig, Mairearad is Iseabal. Chaochail e ’sa bhliadhna 1855. Sgriobh e dòrlach de dh-orain. Iadsan a Phaigh. Alasdair A Camaran, Bridgeport M A Mac-a-Phearsain, Bridgeport An t-Urr A L Domhnullach, Broad Cove Floiri Nic-Gillfhinnein, Beinn Ghillandra Bean Iain Mhic Citheagain, Horne’s Road A G Mac-Gilleain, Sidni Robert Barclay, Sidni Gilleasbuig Mac Phaidein, Gleann Logain Tormad Mac Fhionghain, Cnoc an Aoil Tormad Domhnullach, Lochside Bean Alasdair Chaimbeil, Ridge Mhabou Ruairidh Mac Neill, Glace Bay Ruairidh Mac Philip, Rudha ’n Rothaich Bean Thormaid ’Ic Aonghais, Ingonish Seumas D Mac Eachairn, Inbhirnis Seonaid A Dhomhnullach, Inbhirnis Ceit A Nic Eachairn, S W Margaree R N Mac Gilleain, an Abhainn Dhubh Bean Dhomhnuill Mhic Philip, St Esperit Bean Iain D Dhomhnullaich, St Esperit Caipt D Mac Leoid, Baile nan Gall Coinneach Mac Leoid, Ceap Nor An t-Urr R MacCoinnich, Iona Iain Mac Fhionghain, Rosedale D I Domhnullach, New Glasgow, N.S. Gilleasbuig Siosal, Glassburn, N.S. Calum Caimbeul, Kinross, E P I Alasdair Mac Mhanainn, Braidalbainn, E P I Iain Mac Cuithein, Boothville, Ont Niall MacDhiarmaid, Duntroon, Ont. Murchadh Mac Gillaollain, Roden, Man. F A Gemmel, Selkirk, Man. Fionnladh Donullach, Earlswood, N W T Bean M H Dhomhnullaich, Springhill, Que Iain Mac Rath, Chicago, Ills. Iain Mac Fhearghais, Ouray, Colo. Iain K. Domhnullach, Ouray, Colo. Seumas Stiubhart, Ouray, Colo. Iain Mac Gillfhaollain, Gagetown, Mich. Uilleam D Grannd, Berkeley, Cala. Ami Mhoraidh, New York Ruairidh D Mac-Iain, Cambridgeport Calum Mac Mhanainn, Kaurihohori, N.Z. Iain Mac Gilleain, Auckland, N.Z. Coinneach Domhnullach, Kamo, N.Z. Coinneach Camaran, Invercargil, N.Z. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. . EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 160] [Vol. 11. No. 20. p. 8] HO RO, IAIN. LE AONGHUS MAC-CUARRAIG. LUINNEAG. Ho ro, Iain, taobh rium fhìn, ’S na bi strì ri amaideachd; Feumaidh mnathan uaisle tì, ’S goirt an cìnn mur faigh iad i. Tionndaidh rium is leugh a chòir, Tha mise deònach teannadh riut; ’S ma ’s olc no math a bhios mo dhòigh, Cha chluinn na h-eòlaich gearan uam. Cha ’n iarr mi siùcar no ti, No sròl no siod’ a cheannach dhomh; ’S i obair mo dha làimhe fhìn A’s cìnntiche mi ’leanailt rium. Gabh thus’, Iain, am muir-làn Mar phàtaran, ’s cha ’n aireach dhuit; Air fhad ’s gan éirich e an àird Gum faic thu ’n tràigh an eal’achd ann. Sin mar bhitheas luchd na stràic, Le ’n curraichdean àrd ’s le ’n cailleaguth; Ni ’m pòsadh bochd an toirt gu làr Mar shneachda bàn na gailline. An rìomhadh cheannaicheas iad gu daor ’S an saoghal bheir an car asda; Bidh gùn is gùn ga ’n cur mu sgaoil Gu aodach do na caileagaibh. Nuair a theid iad chum na féill, Gur gann dhuit té dhiu aithneachadh, Ach seargaidh iad mar ròs na géig Ri teas na gréin’ a dh’ fhannaicheas. Cadal feumaidh iad is tàmh, Cha bhi iad slàn mur faigh iad sin. Cha ghearain té dhiu thu bhi ’d thràill; ’S ann ni i tàir is fanoid ort. Gun sloinn i suas, o bhun gu géig, An treubh o ’n d’ rinn i failleineadh, Ga d’ chur-sa sios mar mhith gun bheus, ’S gur mairg bheir spéis mar leannan d’i. An uaisle bhochd gun chas, gun làmh— Tha ’n dàn mar dh’ fhàg an sean-fhacal— Cha chuir i salann air a chàl; Bi t’ fhaicill tràth mu ’n lean i riut. Cha dugainn-sa do ’n uaisle beum Na ’h-àite fein, ’s cha teannainn ris; Ach ’s beag an cliù do dh-fhear gun spréidh Bhith fòirneadh té tha talach air. Tha thus’ is mis’ a réir a chéil, Ar n-òr, ar spréidh, ’s ar seanairean; ’S ma gheibh mi each gu ruith na réis’, Cho cruaidh riut féin gun lean mi ris. Nuair thig am bothan le chraos cam, Am màl, a chlann, ’s an ceannach ort, Gur taitneach dhuit a bhean ’san àm A thàirneas ceann an amuill dhuit. Bha Aonghus Mac-Cuarraig a fuireach anns a Bhlàthaich an Airdghobhar. Chuireadh oran Iain am mach an Co-chruinneachadh Phàdruig Mhic Pharlain an 1813. Is e “Horo, Iain, taobh rium fhìn” a tha ’san leabhar sin. Is e “A cheist, Iain, teann rium fhìn” a tha ’san Ailleagan, a chuireadh am mach an 1830. ORAN Do Chòirneal Daibhidh Stiubhart, triath Ghart. LE ALASDAIR FOIRBEIS. ’M brat-sròil ’bha anns an Fhraing, Nach d’ fhuair tàmailt o thùs, Chuir iad sios e do ’n Eipheit A dh’ fheuchainn a chliù. Bha thus’ an sin ’s do réisimeid Féin air do chùl, ’N da-fhicheadamh ’s a dhà, Sar luchd-càraidh gach cùis. Chuir sibh Frangaich na ’n smùr An tir ainmeil nan tùr, ’S thug sibh uap’ bhratach riomhach, ’Bha miaghail na ’n cùirt. Am math air faiche Mhaida, Gun taing thug sibh buaidh; Ged bha na Frangaich lionmhor O ’n t-sliabh tigh’nn a nuas. ’N tri-ficheadamh ’s ochd-deug Bha gu treun ri do chluais.— B’ iad sud na seòid, a Dhà’idh, Nach fàgadh tu ’n cruas; Na fior Ghàidheil gun ghruaim, Rachadh dàn anns an ruaig, ’S a dh’ iomaineadh na naimhdean Gu ceannsgalach, cruaidh. Nuair chaidh sibh ’Mhartinìg Anns na h-Innsibh an Iar, Bu luath do dhaoin’ air tràigh ann, ’S gum b’ àluinn an triall, Nuair dh’ éigheadh tu adbhànnsa, Mar b’ annsa leat riamh, Bhiodh tri-chlaisich rùisgte, ’S fuil bhrùit air an fhiar, Aig na gaisgich gun ghiamh, Ghuineach, chalma, gun fhiamh, Nuair bheireadh tu dhaibh òrdagh, Nach sòradh dol sios. Tha thu de dh-fhuil nan righrean ’Bha miaghail ri ’n là, Siol ainmeil Bhanco uasail, Bhiodh buadhach ’sna blàir. Is iomadh baintighearn’ phrìseil Tha ’n tì air do làimh; ’S cha ’n fhacas anns an tìr so Na dhìobradh do ghràdh. Bu tu còirneal nam buadh Roimh bhragàd tarruinn ’suas B’ àrd a chluinnt’ do chomànnd Ann an rangan do shluaigh. Ma dh’ fhàg thu sinn air sgrìob, ’S tu air thì dhol do ’n Fhraing, Gum meal thu slàint ’s toil-ìnntinn Ri linn do dhol ann. Cha ’n fheil a leth ’s na b’ fhiach thu Fo d’ riaghladh ’san àm; ’S nam faigheadh tu mo dhùrachd-s’, B’ e ’n crùn chur mu d’ cheann. ’S fada leam bhios tu bhuam, Fhir na gaisge ’s an truais; ’S i ’n aoidh a chithear daonnan A t’ aodann gun ghruaim. ’S e fior dhuin’-uasal eireachdail a bha ’n triath Ghart. Bha e na shaighdear misneachail, na ofaigeach tùrail, na Ghaidheal rioghail, na eachdraiche math, agus na dhuine iriseal, bàigheal, caoimhneal. Cha robh neach ann an Albainn ri a latha bu dìllse air cùl a luchd-dùthcha na e. Cha b’ iongantach ged a bhiodh am fear a rinn an t-oran ullamh gu crùn Bhreatainn a chur air a cheann. Bha Alasdair Foirbeis na ’sheirdsean ’san Reisimeid Dhuibh. Chaochail e am baile Pheairt. GUR TROM TROM A THA MI. LE EOGHAN OG AN STRATH-NIN. LUINNEAG. Gur trom trom a tha mi, ’S gur trom a dh’ fhàg an t-earrach mi; Gur truime ’n diugh na ’n dé mi ’S mi cumha ’n déidh na banaraich. Do bhanaraich na bàthaigh, A thug mi ’n gaol nach b’ aithreach leam; ’S ma dh’ fhuireas tu coig bliadhna Gun cuir mi rian air aran dhuit. Cha ’n fheil thu fhein ach òg dheth Gu pòsadh air an earrach so; ’S ged shiubhlainn-sa an saoghal Gum bi mo ghaol dhuit maireannach. Is ged a bha mo bhràithrean ’San àiridh a cur maille orm; Nam bitheadh tu ’ghaoil deònach Gun seòlainn a null thairis leat. Ged tha thu gun saibhreas Tha daimh annad is ceanaltachd; Is tha thu laghach bòidheach, ’S gun ghòraiche riut ceangailte. Nam bithinn-sa ’n Strath-Eireann Do spéis cha bhiodh an aineol orm; Ach tillidh mi ma ’s beò mi, ’S le m’ dheòin cha dean sinn dealachadh. Is mairg a dheanadh bàthaich dheth ’bhroinn. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. o., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton [TD 161] [Vol. 11. No. 21. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 17, 1903. No. 21. CHUIR buill Tigh nan Cumantach an Ottawa am beachd an géill an la roimhe, gu ’m bu chòir bacadh iomlan a chur air deanamh, ceannach is reic nan cigarettes ann an Canada. Bha ceud is tri bhòt air taobh a’ bhacaidh ’s da fhichead ’s a h-ochd na aghaidh. Tha na cigarettes na ’n ni anabarrach cronail, gu h-àraidh do ’n òigridh, agus nuair theid lagh am bacaidh a chur air an leabhar, ’s còir e bhi cho làidir ’s cho saor o chearban ’s a ghabhas e deanamh. Bidh e na bheannachd mhor do ’n dùthaich so ’s dhaibhsan a tha ’fàs suas innte ma theid cur as daibh gu buileach. CHA ’n eil muinntir Eilean a’ Phrionnsa deònach àireamh an luchd-pàrlamaid a tha iad a’ cur do Ottawa a lughdachadh. Tha cóig aca ’san àrd-phàrlamaid an dràsda, agus a réir àireamh an t-sluaigh cha ’n eil ri bhi aca ’n deigh so ach a ceithir. An àite bhi leagte ris an atharrachadh sin, ’s ann a tha pàrlamaid an eilein a’ dol a chur impidh air an àrd-phàrlamaid sia a thoirt dhaibh. Cha’n eil e idir taitneach do na roinnean beaga bhi call neart an gutha ’san àrd-phàrlamaid, ach a reir gach coltais feumaidh sin tachairt. Tha an t-achd a rinn na roinnean aonadh gle shoilleir mu ’n chùis. “THA a smùdan fein á ceann gach fòid.” Ge mor cumhachd is urram Riaghladair Mhecsico, cha mhor a thoil-inntinn. O chionn ghoirid bha ’n tigh anns am bheil e ’fuireach air a chuartachadh le cóig mile deug sluaigh, ’s ghabh iad dha leis na clachan. Gu fortanach do ’n urra bha iad a’ sireadh, cha d’ rinn iad deagh chuimse, agus ged chaidh na h-uinneagan a chur na ’n spealgan, chum na ballachan tiugha cloiche esan o dhochann sam bith fhaotainn. Cha’n eil e air innse ciod a bh’ aca na ’aghaidh, ach cha’n eil teagamh nach robh iad fein a’ smaoineachadh gu robh deagh aobhar aca dha. Ghabhamaid iomadh dreuchd a roghainn air riaghladaireachd Mhecsico. MADUINN Di-ciaduin s’a chaidh thog aon de phaipeirean a’ bhaile so guth làidir an aghaidh luchd-òil a bhi air am fàgail an dreuchd no an obair timchioll an rathaid-iarainn. Tha sinn a’ cur ar n-aonta ris gach facal a tha ’m paipeir sin ag radh mu ’n chùis. Cha ’n eil e aon chuid ceart no freagarrach gu ’m biodh beatha luchd-turais air earbsa ri daoine aig am bheil an eanchainn gu tric ann an teas na daoraich. A réir nan riaghailtean cha ’n fhaod fear-òil a bhi timchioll ruith an rathaid-iarainn idir, ach cha ’n eil teagamh nach e cho beag suim ’s a thatar a cur ’sna riaghailtean sin is coireach ri moran de na sgiorraidhean bàsmhor a tha tachairt. Bu chòir gach duine aig am bheil gnothuch ris an rathad-iarainn a bhi na ’dhuine stuama, agus bidh daoine ’n comain a’ Phost air-son labhairt mar a rinn e. Ach ’s i ar barail dhiomhair fhein gu’m biodh an earail stuaime sin gu math mor na bu drùidhtiche ’s na b’ éifeachdaiche mur biodh am paipeir ceudna a toirt àite do shanasan a tha moladh seòrs’ àraidh de dh’ uisge-beatha. Tha creic uisge-beatha ’s gach dibh làidir eile mi-laghail anns an àite so, agus bu chòir do na paipeirean urram dligheach a chur air an lagh, deanadh muinntir eile mar a dh’ fhaodas iad. Ach lagh ann no as, bu chòir sgaradh a dheanamh eadar searmonachadh stuaime ’s moladh uisge-beatha. Tha e tuilleadh is coltach ri duine labhairt air taobh stuaime ’s fàileadh na dibhe dhe fhein. GHEIBHEAR anns an àireamh so eadar-theangachadh de aon de na sgriobhaidhean aig Morair Francis Bacon, sgriobhaidhean anns am bheil moran gliocais ri fhaotainn, agus anns am bheil reusonachadh geur, domhain. Mur leughar na sgriobhaidhean so gu cùramach ’s le mor aire cha ’n fhaighear am fior bhrìgh; cha ’n ionann iad is sgeulachd àbhachdach no mìr eachdraidh a thuigeas neach le aon leughadh. Ach neach a leughas iad gus an tuig e gach puing a tha annta, gheibh e geurachadh is neartachadh inntinn a bhios ro bhuannachdail dha. THA comhairle baile Ottawa ag iarraidh gu ’n gabhadh riaghladh na dùthcha seilbh air na mèinnean guail, gus an obrachadh air-son maith an t-sluaigh gu h-iomlan. Mar a tha cùisean an dràsda tha cuideachdan làidir a’ daoradh a’ ghuail agus a’ deanamh moran airgid air chosd an t-sluaigh a tha ga ’cheannach. Cha ’n ’eil teagamh nach eil an latha tighinn anns am feum an riaghladh seilbh a ghabhail air moran nithean a tha ’n diugh an seilbh chuideachdan, no air a’ chuid a’s lugha cumhachan a leagail air na cuideachdan fo nach faod iad cothrom a ghabhail air an t-sluagh. RINNEADH adhartas math air an t-seòl sin an caochladh àiteachan cheana. Ann an Glascho, buinidh a mhor chuid de na goireasan do ’n bhaile—an t-uisge, an solus, an telefón, an rathad-iarainn sràide, tighean-còmhnaidh do ’n luchd-obrach, agus nithean eile. Tha gach ni dhiu air an cur an seirbhis an t-sluaigh air prìsean moran na ’s ìsle na gheibhear iad ann am bailtean eile, agus tha ’m baile ’bharrachd air sin a’ deanamh deagh phrobhaid orra. Anns a’ mhor chuid de na dùthchannan a’s adhartaiche tha air an t-saoghal, tha an riaghladh gu ìre bhig an làmhan an t-sluaigh, ach gu ruige so tha an sluagh ann an tomhas mor dearmadach mu ’n dleasanas a thaobh cùisean-riaghlaidh, agus air an aobhar sin cha ’n eil iad a’ mealtuinn gach sochair a dh’ fhaodadh iad. Tha fhathast am beagan a’ deanamh greim air goireasan nan uile agus ga ’n daoradh air-son am buannachd fein. Tha muinntir Ghlascho an deigh sin a thoirt fa-near mar nach d’ thug muinntir baile no dùthcha sam bith eile, agus tha iad air tòiseachadh ri cùisean a leasachadh. Agus mar a shoirbhicheas leotha bidh bailtean is àiteachan eile, a lion beagan is beagan, a’ gabhail an eisimpleir. ANN am barail morain cha’ n eil ann am Mark Twain ach sgriobhadair sgeulachdan àbhachdach, a tha làn riaraichte ma theid aige air gàire thoirt air an leughadair. Cha’n ann mar sin a tha: tha e gu tric a’ cur pailteas gliocais am measg na gòraiche, agus dh’ fhaodadh gu leòr dhiùsan a tha ’g aideachadh gliocais teagasg a ghabhail uaithe. Mar dhearbhadh air so faodar an earrann a leanas a thoirt seachad. Tha i ri ’faotainn ann an sgeul a tha e ’g innse anns am bheil murtair a bhatar a sireadh le luchd a’ cheartais air fhaotainn marbh glaiste ann an uaimh dhorcha ’s e air bàsachadh le acras is pathadh. An deigh innse mu thiodhlacadh an duine sin tha “Marc” ag ràdh mar a leanas:— “Chuir an tiodhlacadh stad obann air aon ni—an t-iarrtas a bhatar a cur dh’ ionnsuidh an Riaghladair air-son mathanas a thoirt do’n mhurtair. Chaidh iomadh ainm a chur ris an tagradh: bha iomadh coinneamh dheurach fhileanta air a cumail, agus bha pannal de mhnathan tùrsach air an taghadh gu iad fein a chòmhdach an culaidhean bròin ’s a dhol a dh’ ochanaich fa chomhair an Riaghladair, agus a dh’ aslachadh air a bhi na ’bhurraidh tròcaireach ’s a dhleasanas a shaltairt fo chasan. Bha e air iomradh gu ’n do mharbh am murtair na ’latha cóignear de dhaoine mhuinntir a’ bhaile, ach gu dé dhe sin? Na ’m b’e Sàtan fhein a bhiodh ann, gheibhte gu leòr de spreòchanan a chuireadh an ainmean ri iarrtas mathanais, ’s a shileadh deur air á amair ao-dionach an cinn.” Na ’n robh “Marc” a’ sgriobhadh sgeòil mu chearnan àraidh de Chanada bhiodh na briathran so a cheart cho fìrinneach ’s a tha iad mu bhaile sam bith a tha ’sna Stàidean. Tha againn anns an dùthaich so muinntir a a tha gle ullamh gu mathanas iarraidh do ’n mhurtair, agus nach smaoinich idir gu bheil iad le bhi ga ’shaoradh a’ gabhail pàirt na ’chionta. CHA b’ ann an Canada a mhàin a bha geamhradh cruaidh am bliadhna. Ann an Breatunn bha sìde dhoirbh is gaillionn aca, agus cha tig sin cho math riutha ’s a thig e ruinne, oir cha ’n eil sìde chruaidh reòta cho nàdarra do ’n t-seann dùthaich ’s a tha i do ’n dùthaich so. Fhuair iad an cuid fein dhe ’n droch shìde air a’ Ghàidhealtachd. A thaobh sin leigidh sinn leis An t-Obanach labhairt mar a leanas:— “Cha gheamhradh e gu Nollaig, ’S cha ’n earrach e gu Feill Paruig.” Ma bha an sean-fhacal fìor riamh ’s ann am bliadhna. Coi’meas do ’n aimsir a dh’ fhiosraich daoine bho bhliadhn’ ùr so ’chaidh cha chuimhneach leis an neach a’s sine anns an dùthaich. Bha gaoth agus uisge ri strìth a h-uile latha ’feuchainn co aige ’bhiodh làmh-an-uachdar; ionnas gur gann a dhùraichdeadh duine no beathach dol thar stairsnich an [TD 162] [Vol. 11. No. 21. p. 2] doruis. Ach, cha robh aobhar gearain idir acasan aig an robh an cas air tìr. ’S iad na seòladairean a bha ’marcachd nan tonn a fhuair gu sònruichte deuchainn agus cruadal. ’S iomadh gille treubhach, tapaidh a theann a’ mach gu fairge ré a’ gheamhraidh nach do thill air ais a dh’ innseadh sgeoil—agus nach till. Tha tuathanaich ag ràdh gun robh an an-shìde trom air biadh spréidhe agus gum bi a’ chònlach agus am feur glé ghann air a thàilleamh sin. Tha iad mar an ceudna ’gearan gun d’ thug na tuiltean a shùgh as an talamh agus gun do sguab e móran dheth a’ mach air a’ mhuir. Leis a’ sin cha ’n ’eil sùil aca ri pòr ro mhath air an ath fhoghar. Ach ’s minic a chunnaic sinn barail dhaoine buileach cearr snn an cùisean de ’n t-seòrsa so. Ma thig a’ chuid a tha romhainn de ’n bhliadhna gu math faodaidh na h-iodhlannan a bhi glé dhomhail aig toiseach an ath gheamhraidh. “Pàighidh an aimsir i fhéin.” Naidheachdan. Chaidh flodruinn (buoy) a dh’ fhuasgail o h-acaire air cladach Nobha Scotia a ghiùlan le tuinn a’ chuain a null do ’n Fhraing far an deachaidh a faotainn an la roimhe air a tilgeadh air an tràigh. Chunnaic an àrd-phàrlamaid aig an t-suidhe so iomchuidh cìs àrd a chur air na Sineich a tha tighinn do Chanada; an deigh so tha coig ceud dolair air gach fear ri phàidheadh mu’m faigh e cead tighinn air tìr. Tha còrr is da cheud gu leth duine tinn leis a’ bhric ann an siorrachd Ghloucester, New Brunswick. Cha’n eilear a’ gabhail cùram sam bith gus an easlaint a chumail gun sgaoileadh, ach gu fortanach tha an t-àite ’sam bheil i car leth-oireach, agus cha’n eil i ’faotainn a dh’ àiteachan eile. Tha té d’ an ainm Cairistine T. Chidston a mhuinntir Bhaddeck air a glacadh ann am Boston air àmhrus gu’n do phuinnseanaich i bean d’ am b’ ainm Mrs Perkins air an robh i frithealadh mar bhanaltrum. Bha Mrs Perkins beairteach, agus thatar ag radh gu robh i a’ tiomnadh pàirt de ’beairteas do’n bhan-Chidstonaich. Spraidh inneal ann am muileann-sàbhaidh ann an Coleman, E. P. I., Di-màirt air an t-seachduin s’a chaidh, agus bha ’n teineadair, Fred Profit, aois bliadhn’ air fhichead, air a mharbhadh. Bha ’m fear d’ am buineadh a mhuileann, Aonghas Mac Fhionghain agus dithis eile air an goirteachadh. Bha a mhuileann air a cur as a cheile na spealgan. Tha Cornelius Shields, a bha o chionn da bhliadhna na cheann air Cuideachd a Ghuail, agus pàirt dhe’n ùine air Cuideachd an Iarainn, an deigh a dhreuchd fhàgail ’s air a dhol gu Sault Ste Marie, an Ontario, far am bheil e gabhail cùram de na h-obraichean a chuireadh air chois le Clergue. Bha Mr Shields gle mheasail ann an Sidni, agus tha moran duilich gu’n do roghnaich e falbh as. Cha’n eil fhios fhathast co tha dol a ghabhail ’àite. Tha na strikes gu bhi lionmhor anns na Stàidean air an t-samhradh so: tha iad air tòiseachadh cheana. Air an t-seachduin roimh ’n t-seachduin s’a chaidh, sheas miltean dhe’n luchd-obrach a mach anns na Stàidean Siar agus Meadhonach. Tha iad ag iarraidh àrdachadh tuarasdail agus nithean eile. Ann an Lowell, Mass., chaidh na muillnean a dhùnadh air do’n luchd-obrach a bhi bagairt seasamh a mach, agus mar sin tha àireamh mhor air am fàgail gun chosnadh. Bhuineadh àireamh nach bu bheag dhiu so do Chanada. OBAIR UR—Tha cuideachd Shasunnach a’ tòiseachadh ri obair a chur air adhart ann an Sidni a bheir cosnadh do àireamh mhath dhaoine, ’s a sgaoileas moran airgid air feadh a bhaile. ’S e ’n obair a bhios iad a’ cur air adhart, a’ tarruing as an tearr a tha tighinn as a ghuail nuair thatar a’ deanamh coke dheth nan caochladh stuthan a ghabhas toirt as. Cosdaidh na togalaichean ’s na h-innealan a dh’ fheumar air-son na h-obrach mu cheud mile dolair. Bidh dùile aca gach ni dhiu sin a bhi deas ’s na ’n àite mu thoiseach October. Tha righ Iomhar aig an àm so air chuairt ann am Portugal, ’s mu’n till e bhar a thuruis tadhlaidh e an caochladh àiteachan. Chaidh fhàilteachadh gu suilbhir ann an Lisbon, ceanna-bhaile na rioghachd. Bha fear a mhurt a bhean ann am Maine air a ghlacadh an la roimhe ann an New Brunswick. Bha e ’falach ’s a’ cumail as an rathad air luchd a’ cheartais o chionn treis a dh’ ùine. Cha robh a bhean ach ochd bliadhn’ deug a dh’ aois. Seachduin gus an Di-sathairne s’a chaidh bha ’n tigh aig Niall Mathanach air Rathad Mhira, faisg air a’ bhaile, air a losgadh gu làr. Chaidh sàbhaladh caol air cuid de’n teaghlach, agus cha deachaidh ni dhe’n àirneis a ghleidheadh. Bha àireamh de thuathanaich á Manitoba thall ann an Breatuinn air a’ gheamhradh so, a toirt fiosrachaidh do mhuinntir na seann dùthcha mu fheobhas Chanada mar dhùthaich thuathanachais. Bidh an turus gle thorach ann a bhi gluasad dhaoine gu tighinn a nall aig nach robh roimhe so eòlas no fiosrachadh sam bith a thaobh Chanada. Tha ochd ceud de na Boerich fhathast na ’m priosanaich anns na h-Innsean. Tha iad a’ diùltadh as is as ùmlachd aideachadh do Bhreatuinn, no an aonta chur ri cumhachan na sìthe. Tha ’n Seanalair Botha a’ gabhail os laimh a dhol ga ’n ionnsaidh a chur mar fhiachaibh orra striochdadh. Tha e ’m barail nach eil iad a fior thuigsinn nan cumhachan a rinneadh aig crioch a’ chogaidh. Chaidh Iain Mac Nèill, gill’ òg aois thri bliadhn’ deug a mharbhadh ann am mèinn an Glace Bay feasgar Di-luain s’a chaidh. Bha e dìreach a fàgail na meinne an deigh ’òbair-latha chriochnachadh nuair thachair an sgiorradh dha. Chaidh e leagail le each a bha tarraing càr guail; chaidh an càr thairis air ga ghrad mharbhadh. Bu mach bantraich e, agus tha ise gu math tinn agus neo-chomasach air i-fein a chumail suas. Thachair sgiorradh uamhasach air an rathad-iarainn faisg air Windsor Junction, N. S., oidhche Di-sathuirne s’a chaidh. Bhuail da threin a bha ruith an coinneamh a chéile, bha àireamh charbadan air am bristeadh, ’s chaidh ceathrar dhaoine mharbhadh ’s feadhain eile leònadh. Bha an sgiorradh so air aobharachadh le fear na h-inneil air an trein a bha tighinn a tuath a dhol an aghaidh òrduigh. Cha’n eil fhios car son a rinn e sin, agus is docha nach bi, oir bha e air a leònadh cho dona ’s nach eil mor dhùil gu’m faigh e as le ’bheatha. Rinneadh murt grànda ann an Eilean a’ Phrionnsa feasgar Di-sathairne s’a chaidh, beagan mhiltean a mach a Charlottetown. Bha tuathanach d’ am b’ ainm Alasdair Stiubhart air a mharbhadh le fear Ioseph Carver a bha na sgalaig aige. Chaidh iad bhar a cheile chionn an sgalag a bhi fuireach air falbh o obair gun chead an tuathanaich. Dh’ fheuch e ri losgadh air a mhaighstir le daga, ach thug am fear eile sin uaithe. Dh’ fhalbh e an sin ’s fhuair e gunna o fhear de na coimhearsnaich, ’s thainig e air an Stiùbhartach gun fhios da, ’s loisg e air, ga ghrad mharbhadh. Chaidh Carver a ghlacadh ’s a chur do’n phriosan Di-luain. Bha an duine mharbhadh mu leth-cheud bliadhna dh’ aois, agus na thuathanach cothromach. SGIORRADH AIG CAOL MHIRA—Thachair droch sgiorradh air an rathaid-iarainn aig Caol Mhira maduinn Di-màirt s’a chaidh, leis ’n do chaill fear Seumas Parsons a bheatha. Bha trein guail a tighinn air ais falamh á Louisbourg, agus bha ’n drochaid aig a Chaòl fosgailte a leigeil a mach bàta-smùide. Bha ’n comharradh àbhaisteach air a chur roimh ’n trein astar beag o’n drochaid, ach a reir coltais cha ’n fhaca Parsons, fear na h-inneil, e, no ma chunnaic, bha e ’n dùil gu’n rachadh aige air an inneal a stad na b’ ealamha na chaidh aig air a dheanamh. Chaidh an t-inneal ’s tri dhe na càraichean gu grunnd na h-aibhne. Fhuair an teineadair leum dhith an àm, ach chaidh fear na h-inneil a thilgeadh do’n uisge ’s fhuaireadh a chorp marbh anns an abhainn beagan an deigh do’n sgiorradh tachairt. ’Se so an sgiorradh bu mhiosa thachair air rathad-iarainn Shidni is Louisbourg o’n chaidh fhosgladh. Bha ’m fear a mharbhadh leth-cheud is coig bliadhna dh’ aois. Dh’ fhàg e bantrach is ochdnar chloinne ann an Louisbourg. Rugadh e ann an Sherbrooke, an Cuebec. Litir a Beinn-a-Mharmoir. THA Alasdair Mac Mhanainn a trod o nach ’eil mise sgriobhadh gu MAC-TALLA. Nach faod e fhein sgriobhadh gu MAC-TALLA gun bhi ga m’ chumails’ air obair gun chlos. Na ’m biodh a pheann cho snasail ri a theangaidh gu naidheachd innseadh, ’s math a b’ fhiach iomadh ni a chunnaic ’s a chual’ e a chur ’sa phaipeir Ghàilig. ’S e ’s docha nach ’eil duin’ eile an Canada dha na shìn a Bhànrigh Bhictoria nach maireann, le a laimh féin, làn a glaic de mheasan luachmhor. Chuir i ’n onair ud airsan. Cha do dhiochuimhnich e riamh e, ’s cha ’n ioghnadh leam sin. Tha mise car gann de naidheachdan, ’s cha ’n ’eil fios agam gle mhath co air a bheir mi làmh. Tha mi aig an àm a cur seachad beagan ùine aig Beinn-a-Mharmoir, far a bheil cuideachd na h-obair iaruinn a buinig na cloiche sin air-son an cuid fùirneisean ann a Sidni. Feumaidh moran de ’n chloich sin a bhi air a thaomadh am measg na meatailt gu iarunn agus cruaidh mhath a dheanamh. Tha bruthadair (crusher) mor ga ’chur suas ann a so aig an àm. Pronnaidh e tri mìle tunna chlach ’san latha. Theid na clachan mora ’thilgeadh na ’shlugan ’s ni e “pronnadh na meanbh-chuileag” orra. Spùtaidh iad an sin am mach troimhe mar allt, ’s theid iad air bòrd soitheach smùid a bheir gu Sidni iad. Tha sùil ri moran sluaigh ann an so air an t-samhradh a tha tighinn a stigh. Tha ’n obair a meudachadh gach bliadhna. Am measg gach àite taitneach air ’n do chuir nàdar maise anabarrach tha ’n earrann so de Cheap Breatunn. Tha ’Bheinn-a-tuath, no mar theirear a nis, Beinn-a-Mharmoir, ag éirigh na balla cas o oir a chladaich seachd no ochd a cheudan troigh air àirde, agus mu chóig mìle deug air fad, o cheann a Bhaigh-an-Iar, gus an ruig i ’n Creagan, faisg air criochan Malagawatch. Tha ’n Creagan na ’mheall cruinn sia no seachd a cheudan troigh air àirde. Tha e ainmeil air-son farsuingeachd an t-seallaidh a gheibhear o a mhullach. Bha mi air aoidheachd an tigh duine còir, Murchadh Mathanach, agus a dheagh bhean, a fhuair a h-àrach air an Amhainn Mheadhanaich. Mar thuirt e fhéin: “Bhithinnsa o chionn fada ’tadhal air an Abhainn Mheadhonaich, agus ’s e ’n rud a thàinig as a sin, gu ’n do lean boirionnach mi a nall as agus cha do dhealaich i riamh rium.” Tha ’n Creagan, ma ta, suas os cionn tigh Mhurchaidh. Anns a mhaduinn, an deigh an t-aoradh a chur seachad, sud suas mi do ’n Chreagan. Nuair a sheas mi na ’mhullach, ’s a sheall mi mu ’n cuairt, bha ’n sealladh neo-chumant’ àillidh. ’S e cheud smuain a ghabh àite cromadh sios ann an ùmhlachd do ’n Ti a chruthaich ann an dòigh cho ro thaitneach do ’n t-sùil an fharsaingeachd mhor a bha fa m’ chomhair. Bha loch a Bhras d’Oir na ’laidhe fodham, leis gach òb is lub is ruighe thall ’s a bhos air gach taobh dheth—e fad mo sheallaidh air a bhreacadh le eileinean beaga bòidheach, ’s iad còmhdaichte le coille gu oir an uisge. Fad mo sheallaidh air gach taobh dhiom bha glinn le cnuic is beanntan ag éirigh suas air cùl a chéile. Ach c’ar-son a bhios mi a cur so sios; cha ghabh maise an t-seallaidh cur an géill do neach sam bith nach faca e, air dhòigh gu ’n gabh e tuigsinn. Shuidh mi air mullach na creige a b’ àirde ’s leig mi ruith le m’ inntinn. Smaoinich mi air iomadh ni is neach, air càirdean m’ òige ’s càirdean mo mheadhain-latha—cuid diubh fad air falbh, ’s cuid nach robh ro-fhada bhuam far an [TD 163] [Vol. 11. No. 21. p. 3] robh mi am shuidhe. Cha ’n àicheadh mi nach robh mi rudeigin aonaranach ga m’ fhaotainn fhéin. “Ach,” arsa mise rium fhìn, “ni mi cleas na seilcheig. Nuair thig an inntinn a chreutair sin ’àite-còmhnuidh atharrachadh, cuiridh e mach adharc, an toiseach aon agus an sin té eile, gus am faigh e mach cinnteach a bheil no nach ’eil an t-slighe réidh roimhe. Nuair ghluaiseas e cha deoin leis stad—’s e ’n éiginn a bheir sin air, oir cha ghluais e gun aobhar math. Mur ’eil dòigh air faighinn air adhart cha ’n ’eil comas air. Cha ’n ’eil e ’dol a dheanamh rathad cam no lùbach dha fèin le tionndadh gu slighe eile. Bheir e stigh gach adharc is eile; dùinidh e mach an saoghal, ’s cruinnichidh se e fhéin a stigh na ’shlige.” Sin, fhir mo chridhe, pàirt de na chaidh troimh m’ inntinn anns a Chreagan. Soirbheachadh le MAC-TALLA ’s leis na seòid a th’ air a chùl. Thoir mo bheannachdsa do gach fear is té a leughas agus a thuigeas na tha mi sgriobhadh. Do charaid, C. C. Am Màrt 23, 1903. EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. III. AM FAOL-CHU AN UAMH AN T-SIONNAICH—MAR A BHA EATORRA. THA ghrian a dol fodha ’s ag òradh nam beann mu ’n cuairt, ga ’m fàgail bòidheach, taitneach do ’n t-sùil, ged is e toiseach a gheamhraidh a th’ ann. Ged a tha ’n sealladh taitneach so ri fhaicinn air gach taobh, air gach stùc, is gleann, is beinn, tha còrr agus uair o’n a dh’ fhalaich a’ ghrian a sùil air Gleann Duibhre, anns am bheil sàmhchair throm, dhorch’ a riaghladh, cho tiugh ’s gu ’m mùchadh e cridheachan aoibhneach ged a bhiodh an leithidean ri ’m faotainn ann. Ach an soilleireachd no ’n duibhre, cha robh ’n seòrsa bha còmhnaidh ’s a’ mhuileann dubh ri bhi ach air an aon dòigh. Ged a tha ’m feasgar cho bòidheach, chì ’n t-sùil eòlach iomadh comharradh ’tha taisbeanadh dhith gu bheil atharrachadh agus atharrachadh garbh aig laimh. Tha nàdar, mar gu ’m b’ eadh, na ’suidhe ’tarruinn a h-analach, gus a bhi na ’s comasaiche air an obair a tha na ’rùn a dheanamh gun chearb. ’S e so am feasgar a chuireas am maraiche na ’chabhaig, ’s a chuireas an seann iasgair gu ’dhùbhlan, a tarruinn a bhàta gu àite tearuinte. A dh’ aon fhacal, ’s e so am feasgar a dh’ fhanas an duine glic aig a dhachaidh agus a chì e ’chuid gu math fo dhìon. Ach cha b’ ann diubh so Caiptein Adam; oir chi sinn e marcachd na aonar, ged nach ’eil sin soirbh, air a cheum gharbh a tha dol gu dorus a charaid, Osdair dubh Ghlinn Duibhre. Cha ’n ’eil sùil no cluas aige do ni dhe na th’ aig nàdar m’a choinneamh air an t-slighe ghairbh, ach le mala chlaon chrom a’ triall, a’ smaointinn a smaointean dorcha fhein. O nach robh rathad còmhnard, comhartail aige, tha e gach uair a theid bacag air an each a dioladh a dhroch nadair fhéin air a bhrùid bhochd a tha ga ’ghiùlan, le spuir ’s le cuip ’s le sréin. Mu dheireadh ràinig e dorus an tigh òsda, ’s le iomadh mionn agus maoidheadh thug e ’n t-òsdair dubh fhéin thun an doruis. Dh’ fhàs gruaidh dhorcha an òsdair glas-neulach an uair a chunnaic e có bh’ aige, oir bha e fàs car eòlach air tathaich a Chaiptein—tathaich a bha ’toirt faothachadh mor dha ’sporan, ach nach robh idir a toirt sin dha ’inntinn. Le sùil chrom as an robh lasair ghràin dh’ fhàiltich e ’n t-uasal òg le beic no dha, agus le briathran a bha e air-son a chur air an fhear eile mar bhriathran coibhneil, ach ge b’ oil leis, a bha nochdadh an fhuath, na gràin, agus an eagail a bh’ aige air agus roimhe. Bha Adam air a chuid a chosg le stròdhalachd, mar a dh’ ainmicheadh, air chor ’s gur e greim gu math faoin a bh’ aige air an staid ’san àm so, ’s mar sin bha e tadhal gu math tric air an òsdair a dh’ iarraidh iasaid, mar a theireadh e fhéin, a dhioladh na fiachan ’s a chumadh an latha dubh beagan na b’ fhada bhuaithe. Bha ’n t-òsdair a smaointinn gur e so a bha bhuaithe cuideachd air an turus so; ach cha b’ e; bha gnothuch bu chùramaiche na sin aige ris air an fheasgar so. Bha gràin an uilc aig an òsdair air, mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, agus air-son a chothrom fhéin fhaighinn air ’s iomadh cuireadh fialaidh agus tathunn a dheanadh e air gus an oidhche ’chur seachad maille ris fo chabair a a mhuilinn duibh. Ach bha Adam tuilleadh is teòma air a shon, oir bha tuilleadh ’s a chòir dhe nàdar fhéin ann, ’s mar sin bha e gabhail na fialachd mhi-nàdarra so aig a luach. “Seadh, a sheann robair dhuibh!” thuirt e ris an uair a nochd e aig an dorus mu dheireadh, “an ni nach binn leat cha chluinn thu! Tha mi faicinn gu bheil thu sior fhàs bodhar gach uair a thadhaileas mi ’n t-seann uamh dhubh agad an so. Chuala mi gu ’n robh iomadh robair ainmeil an Gleann Duibhre, ach cha robh gin riamh ann a thigeadh suas riutsa ann an ceilg. Ach rachainn an urras gu ’n cluinneadh tu cagar mìle air falbh na ’m biodh e ’s na briathran so: ‘So, òsdair dhuibh, bonn òir.’” “Robair ann no as,” arsa Dùghall, “tha feum agaibhs’ orm; agus o’n a tha sibh a tighinn thairis air seanfhacail, ’s docha gu ’n cuala sibh gur toigh le bó sgàirdeach bó sgàirdeach eile.” “An e, a sheann robair, gu bheil thu ga ’m chur-sa ’n caiginn riut fhéin; an e gu bheil de dhànachd agad m’ ainmeachadh ’san aon latha ri d’ sheann charcais chrainntidh, sheacte! Ach mu ’m bi thu moran na ’s sine bheir mise beagan ionnsachaidh dhut leis a chuip, los gu ’n tuig thu mar is còir dhut do theanga ghluasad an uair a bhios tu bruidhinn ri duin’-uasal.” Le so a ràdh thug e garbh ionnsuidh air an t-seann òsdair le cuip an eich, ach mu ’n d’ fhuair am fear sin moran dochainn leum e stigh ’s dhruid e ’n dorus, ’s cha toireadh mionnan no brosgul air fhosgladh, no gus am fac’ e Adam a tionndadh air falbh a maoidheadh a bhrath cha do nochd e. Dh’ fhosgail e ’n uair sin ’s dh’ fhoighneachd e dé ’n gnothuch a bh’ aige ris. Thill an Caiptein uaibhreach, ’s e ’g amharc a nis gu ciùin, subhach. “So mo làmh, a dheagh Dhùghaill,” ars’ esan, “is còir dhuinn a bhith na ’r deagh chàirdean, car tacain co dhiu, oir tha obair agus sealg againn ri dheanamh, a ni sinn gu math na ’s fhearr an caiginn na o chéile. Agus a nis, o’n a dh’ fhosgail thu do dhorus cho fialaidh, theid sinn a stigh is fosglaidh tu botul ùr de sheann driùchd nam beann, ’s an uair a chluinneas tu na bheil agam ri radh ’s na bheil agam ri dheanamh, òlaidh sinn adharc no dha air a bhuaidh, agus air a chrìch a bhios na ’r n-aire ’thighinn mu ’n cuairt gun mhaille.” Dh’ fhalbh na neòil bhar mala ’n òsdair dhuibh ’sa mhionaid, is thàinig solus aoibhneach na ’shùilean, ’s cha bu ruith ach leum leis an nis, gus gach urram a thoirt do ’n aoidh uasal. “Uilleam,” ars’ esan, ’s e glaodhaich àird a chlaiginn, “am mach, Uilleim, ’s gach cùram do dh’ each an duin’-uasail, fear a’ Bheallaich.” Leum Uilleam teith am mach á cùil air choireigin gu toilichte, ’s e faicinn dram an sùil an òsdair. Anns an dol seachad chuir a mhaighstir facal na ’chluais; ’s ghabh e fhéin (an t-òsdair) ’s a nàmhaid a stigh do ’n t-seòmar dhubh far an robh ’m bòrd. Bha seann chrùisgein dubh ola crochte ri té de shailthean na lobhta, a deanamh beagan soluis agus a cur fàileadh blàth, làidir air feadh an t-seòmair, a thug air a Chaiptein tòiseachadh ri casadaich, rud a thug moran aoibhneis do ’n òsdair, oir ghabh e null thun a chrùisgein ’s leag e pàirt dhe ’n t-siobhaig a bha na ’teine sios do ’n eòlan, a cur am barrachd dhe ’n t-samh chùbhraidh gu cuinnleinean Adam. Bha ’n da bhéisd gle choltach aig an àm ri da choileach air dùnan—eagal aca roimh chéile ’s gun iad air-son a nochdadh, ’s iad mar sin a cumail aghaidh agus sùil air a chéile daonnan. An uair a bha ’n t-òsdair a dol seachad a dh’ iarraidh a bhotuil a dh’ òrdaich an Caiptein bha aige ri dhol seachad air a chùlaobh, ach thionndaidh an Caiptein aghaidh air ’sa mhionaid, ’s e ma b’ fhior air rodan fhaicinn a dol a stigh do ’n bhalla ’n taobh sin, ach ’s e bha e air-son sealladh a chumail le deireadh a shùil air fear an taighe, air eagal ’s gu ’n robh corc dhubh aige ’m falach na mhuilichinn. An uair a thill e leis an uisge-bheatha bha ’m botul air fhosgladh agus glaine mhor loma-làn na ’laimh, a thairg e le ùmhlachd mhor do Adam. “O,” ars’ am fear sin, “tha do choibhneas thar choimeas, a charaid chaoimh! Ach modh na h-aoise, modh na h-aoise, a Dhùghaill! Bi fhéin cho math—bi fhéin cho math ’s gu ’n òl thu ’ghlaine sin agus té eile as a bhotul an toiseach, ’s gabhaidh mise as do dhéigh an còrr.” “Tut, tut! cha ghabh sin a bhith—cha ghabh sin a bhith idir,” ars’ an t-òsdair dubh, nach robh idir air-son a bhith air deireadh ann am modh, “an uaisle roimh ’n chumantas daonnan, co dhiu bhios i òg no aosda, ’s mar sin gabhaidh sibhse so as mo laimh fhìn, air slàinte (’s e caogadh le shùil) Una dhonn a’ phìobaire. Cha ’n fhaod sibh a diùltadh a nis,” ’s e deanamh gàire aognaidh. “Ol fhéin i, ’charaid, ’s dean cabhag, is diùrais dhiomhair agam ri dheanamh riut nach fhuilig moran maille, ’s agam ri tilleadh dhachaidh ’s coltas aognaidh air an oidhche,” ars’ an Caiptein, ’s e nis cinnteach gu ’n robh ’m bàs ’sa ghlain’ aig an òsdair dhubh. “O, ceart gu leòr, ceart gu leor. Cha robh fios agam gu ’n robh sibh idir cho gealtach no cho mor eagal roimh ghlaineig bhig de mhac-na-braiche; bha mi smaointinn gu ’n robh sibh an déigh air a chuideachd aig gach àm ’s anns gach àite. Ach so air bhur deagh shlàinte!” ’s e ma b’ fhior a togail na glaine thun a bheòil gus a h-òl, ach aig an àm sin thàinig droch chrith na ’laimh, ’s thuit i leis na bha innte air an ùrlar chloiche, ’s chaidh i na mìle spealg. “Mo mhallachd! mo mhìle mallachd!” ars’ an seann sionnach, “air an fhiabhrus mhosach, a dh’ fhàg an cuimhneachan ud agamsa; ’s mi chaill an deagh dhram ’s a bhrist an deagh ghlaine. Ach cha ’n ’eil comas air; is math a chreach a dh’ fhàgas a leth. Tha rud fhathast ’s a bhotul, ’s cha ’n e ’chuid a’s miosa.” Fhuair e glain’ ùr, ’s an déigh dha fear no dha òl, le lamh a bha gu math dìleas air an turus so, ghabh fear a’ Bheallaich cùram dhe ’n bhotul, ’s chaidh a thràghadh. Shuidh fear air gach taobh dhe ’n bhòrd; ’san deigh dha fhaicinn gu ’n robh ’n dorus air a chrannadh gu cùramach, agus nach robh neach eile farchluais, thug Caiptein Adam an t-sreang bhar a phoca dhuibh sin ris an canadh e inntinn, agus leig e ris do ’n fhear eile pàirt dhe na gnothaichean bu chùramaiche bh’ ann ’san àm. Cha bu lugha sin na gu ’n robh toil aige crìoch a chur le foill air beatha Eóbhain bhàin, mar a gheall e dha fhéin beagan ùin’ air ais, agus a nis bha e smaointinn gu ’n robh ’n t-àm abuich, oir bha barrachd is aon reusan aige ’nis gus sin a [TD 164] [Vol. 11. No. 21. p. 4] thoirt mu ’n cuairt. B’ e so an gniomh an robh toil aige cuideachadh an òsdair dhuibh fhaighinn. Cha b’ e nach b’ fhior thoigh leis fhein a dheanamh na ’aonar na ’n leigeadh an t-eagal dha, ach cha leigeadh. Mar sin chuir e chùis an lamhan an òsdair gus a dheanamh air a shon, o’n bhiodh an sealgair iomadh uair na ’chuairtean ga ’thathaich, agus o nach b’ aithne dha eagal, a cur oidhche seachad leis an dràsda ’s a rithist. Cha do chuir an t-òsdair dubh moran na ’aghaidh, an uair a chual’ e na bh’ aige ri ràdh; oir cha robh beatha duin’ aige ach mar bheatha aon de rodain a mhuilinn duibh. A bhàrr air a sin cha robh gaol sam bith aige do ’n t-sealgair, oir thug Eóbhain coinneamh gharbh dha uair no dha mu char cam air choireigin. Ach air a shon sin b’ fhearr leis gu mor an Caiptein fhéin a bhith aige na ’àite an àm a bhith tarruinn na cuirce duibhe. Air-son ’s gu ’m faigheadh e ’n cothrom so rinn e barrachd ga ’chumail air an fheasgar so na rinn e riamh roimhe, ach cha toireadh Adam géill dha, ged a bha coltas coimheach a tighinn air an oidhche. Mu ’n do dh’ fhàg iad an seòmar thog an t òsdair a làmh gu ’cheann tri uairean, ’s aig an àm shaoil le Adam gu ’m fac’ e faileas a falbh o’n uinneig a deanamh air an stàbull. An uair a chaidh iad am mach chunnaic iad Uilleam a nall uca leis an each aig Caiptein Adam. (Ri leantuinn.) LITIR MU RUD NO DHA. ’FHIR MO CHRIDHE,—’S iomadh latha ’s bliadhna bho ’n a bha mi ’cur romham sgriobhadh thugad m’a dhéighinn a’ Mhòid Ghàidhealaich agus rud no dhà eile; ach mar a’s math a tha fios agad, “an rud ’s an téid dàil théid dearmad.” Tha e air a ràdh nach “deachaidh theab riamh le creig;” agus nach e “gogadh nan ceann a ni ’n t-iomradh.” ’S mithich dhomh, uime sin, am peann ite a ghlacadh am làimh—ged nach ra thoil leam a sgread—agus tòiseachadh air pàirt de na tha air m’ inntinn a leigeil ris riut. Tha fios gun cuala tu gur ’h-ann ’an Inbhirnis a tha am Mòd ri ’bhi air a chumail am bliadhna. Tha gu leoir de airgead a’ tighinn a’ stigh air son dhuaisean, ach tha eagal orm an déigh a h-uile rud a tha ann gur iad na seann luchd-breith a bhios air an cur air leth. Cha ’n e gum bheil mi a’ deanamh tàir ann an tomhas air bith air na breitheamhnan a’s àbhuist an seirbhis a thoirt seachad, ’chionn, tha fios aige gach Gàidheal gum bheil iad làn mhurrach air an dreuchd a choi’-lionadh gu cothromach agus gu ceart. Ach, air a shon sin “fóghnaidh na dh’ fhóghnas ged a b’ ann de aran ’s de ìm.” Rinn na fir ud obair cho math ré nan deich bliadhna a chaidh seachad agus gur math an airidh iad air anail bheag a’ nis. An do ghabh thusa beachd gur iad an aon fheadhainn a tha faighinn nan duaisean air son sgrìobhadh Gaidhlig aig a’ Mhòd a h-uile bliadhna? Carson a tha sin mar sin? An ann a chionn gum bheil claon-bhàigh aig na breitheamhnan riutha? Gun teagamh air bith cha ’n ann. Cha ’n ’eil aon duine air an taobh so de ’n chuan a shamhlaicheadh claon-bhàigh ris na daoin’-uaisle grinn, suairce. ’S e a’s aobhar gum bheil na duaisean a’ tuiteam gach bliadhna a dh’ ionnsuidh na h-aon fheadhainn nach ’eil móran a’ feuchainn ach iad fhéin. Thug càch a’ suas de ’n ghnothach bho cheann fhada, oir chunnaic iad nach robh aon nì a b’ urrainn iadsan a sgrìobhadh a dol a thighinn ri càil nam breitheamhnan so. Nan robh an luchd-breith air an atharrachadh bho àm gu àm gheibheadh gach duine an aon chothrom agus dh’ fheuchadh móran tuillidh air son nan duaisean. Tha sinn a’ cur a’ mach air a chéile gu h-olc a bhos a’ so an tràsda mu thimchioll ’de an giorrachadh ceart agus dligheach air son “agus.” Tha an t-Urr. Iain Mac Ruairidh, Donnachadh Mac Iosaig, agus an Lighiche Mac ’Ill’ìosa ag ràdh gur ’h-e “is” an giorràchadh ceart ’chionn gun d’ thàinig e, cha ’n ann bho “agus,” ach bho ’n fhacal Laideann “et.” Tha iad a’ cumail a’ mach gum bheil “’us” buileach cearr, agus nach cleachd e ach iadsan a’ mhàin nach ’eil eòlach air seann sgrìobhaidhnean Gàidhlig agus air obair Windisch. Tha Mr Mac Ruairidh cho làn eud air taobh “is” agus nach fuiling e “’us” idir ’an taobh a’ stigh de cheithir chrìochan “Beatha agus Obair.” ’N uair a bha an t-Ollamh G. Cléireach air ceann an leabhrain shnasail sin b’ àbhuist dhomh fhéin criomag a’ sgrìobhadh air a shon an tràsda ’s a’ rithisd. Lean mi air sin a dheanamh greis an déigh do Mhr Mac Ruairidh an stiuir fhaotainn ’n a làimh. Bho cheann beagan bhliadhnachan chaidh Mr Mac Ruairidh, a réir coltais iompachadh gu beachdan Windisch, agus thòisich e air a h-uile “’us” a chuirinn-sa air paipear atharrachadh gun chead, gun rabhadh gu “is.” Gun teagamh air bith sguir mi, air an aobhar sin, a sgrìobhadh air son “Beatha agus Obair.” Bha agus tha iomadh aon nach toireadh, mar sgoilearan Gàidhlig, comaidh a’ chopain chàil do luchd-leanmhuinn Windisch a’ cleachdadh “’us” ’an roghainn air “is.” Cha do sgrìobh an t-Ollamh G. Cléireach no an t-Ollamh Tormaid Mac Leoid riamh ach “’us” mar ghiorrachadh air “agus,” agus cha mhór a bu sgoinneala ’s a b’ eireachdala a chuireadh an t-seann chànain air paipear no iad. Tha deagha chliu aig Mr Eanruig Mac’Ille-bhàin (“Fionn”) mar sgrìobhadair Gàidhlig—leis an fhìrinn, tha e duilich do fhear air bith dol a’ bheag air thoiseach air—agus ’s e “’us” a tha e a’ sgrìobhadh daonnan. Cha ’n fhiosrach mi gun do chleachd e “is” riamh anns an t-seadh so. Tha na h-urrad de rudan eile a bha ’m bheachd a ràdh riut, ach feumaidh mi leigeil leotha ’n diugh. ’S mithich tarruing gu crìch. M’a bhios gnothaichean mar a’s math leam cha bhi thu fada gus an cluinn thu bh’ uam a’ rithisd. Ach, air na chunna tu riamh na gabh gnothach ris an “’us” agam! Do charaid dìleas, AONGHAS MAC EANRUIG. Aird’-na-murchan, Albainn, An Giblein 2, 1903. DEOCH LAIDIR. MU DHLEAS DHAOINE A THAOBH DIBHE LAIDIR—MAR A THA SIN AIR A LEIGEIL RIS ANNS A BHIOBULL. THA daoine deas air a bhi smuaineachadh gun robh gach ni ris an abrar fion ’s a Bhiobull Ghaidhealach comhionann ris an fhion a reicear am Breiteann. Ach tha facal no dha ’s a Bhiobull Eabhrach, a tha air an eadar-theangachadh fion; agus cha’n ’eil a h-aon diu a ciallachadh fion goirt, amhain. Tha am facal cumanta airson fion a ciallachadh fion milis, ionann ri fion goirt no oibrichte. Tha so soilleir bho Iob, xxx, 18, agus Mata, ix, 17: oir ’s e ’m fion milis amhain a dh’ atas; agus uime sin dh’ fhonadh seann searragan airson fion goirt. Tha am facal tiruis a ciallach toradh na fionain gu h-iomlan; agus ’s e so am facal a ghnathaichear far am bheil arbhar air ainmeachadh, mar an Genesis xxvii, 28, agus Deuteronomi, xxviii, 51, a’s dearcan fiona pairt mhòr do bhiadh an t-sluaigh, air feadh tir Chanaain. Gabhaidh fion cumail milis air tri doighibh—le pronnasc, le dhunadh suas bho ’n àile, agus le bhruicheadh gus am fàs e tiugh. Bha na h-Iudhaich eòlach air an dà dhoigh mu dheireadh, An àm na càisge, bha iad gu cùramach a glanadh as an taighibh gach ni goirtichte, a reir aithne an lagha, araon deoch a’s aran: agus ’s e fion milis a bha iad ag òl aig an fhéisd, mar a tha iad a deanamh gus an latha ’n diugh. Mur faidh iad fion milis air dhoigh eile, bogaidh iad fion dhearcan caoinichte an uisge. Mar so chi sinn gur e fion milis a dh’ òl ar Slànuighear agus abstoil aig an t-suipeir: oir cha robh fion goirt ri fhaighinn. Agus nuair a smuainicheas sinn air buaidhibh an stuth so, agus air an truaighe a thug deoch laidir air milltibh gun aireamh, feumaidh sinn a dhunadh gun do chruthaich e aig Cana fion mar a chruthaich Freasdal ’s an dearc, agus cha’n e an stuth cronail a thig a fion le bhi ’g a ghrodadh. Dhuin an Cruithfhear suas stuth na beirme am meadhon nam fion dhearc; agus uime sin cha tig boinne alcohol asda mur brughar iad. Chaidh pòitear fiona a radh ris an t-Slanuighear gun teagamh: ach ghoirear “duine geocach” dhe leis na ceart dhaoine; agus tha fios againn gum bu bhreug sin. Tha am fion milis car coltach ri brailis, agus ro thaitneach ri òl. Cha robh am fion goirt bu treise a bh’ aig na h-Iudhaich idir cho laidir ri Port no Madeira: oir tha branndi air a chur annta. Agus a bharr air a sin, b’ e’n seann chleachd a fion goirt a mheasgadh le h-uisge mus an òlar e. Bhatar a meas gum bu choir dà thrian de ’n dibhe a bhi ’n a h-uisge. A thaobh na dibhe ris an abrar “deoch laidir” ’s a Bhiobull Ghaidhealach, cha’n ’eil ach aon fhacal ’s an Eabhra; agus tha daoine foghluimte ag innseadh gur e fion na crann-pailme is ciall da, deoch nach ’eil ni ’s treise na fion na fionain. Tha an aithne so, “Na dean cron sam bith ort féin,” a toirmeasg gach ni a ni coire; agus gun teagamh ’s ann diu sin alcohol. Tha ciall nàduir fhein ag innseadh dhuinn gum bheil an duine a tha gu fiosrachail a giorrachadh a shaoghail le dibhe, a cur laimhe ’n a anam. Agus tha ’m Biobull gu comharraichte a becadh fion a phòiteir, “Na h-amhairc thusa air an fhion an uair a bhios e dearg, nuair a bheir e a dhath ’s a chupan;” “Is cealgach an ni fion; is buaireasach an ni deoch laidir; agus ge b’ e neach a mhealltar leo, cha’n ’eil e glic.” “Is an-aoibhin dhoibhsan a dh’ eireas gu moch ’s a mhaduinn, a dhol an deigh dibhe làidir, a bhuanaicheas gu feasgar, ionnus gu ’n cuir am fion teas orra,” “Is truagh dhoibhsan a ta làidir a dh’ òl fiona, agus ’nan daoinibh neartmhor a mheasgadh dibhe làidir.” Tha a chiad earrann diu sin a toirmeasg sealltuinn air dibhe a phòiteir, agus uime sin a teagasg dhuinn fantainn as a rathad. Agus nach ’eil an t-aite sin a toirmeasg a bhi blas dibhe, far am bheil e air a ràdh nach sealbhaich misgeir rioghachd Dhé? Nuair tha mhisg air a bacadh, tha gach ni air a thoirmeisg a bheir daoine gu bhi ’nam misgeiribh; agus cha’n ’eil ni a’s cinntiche a ni so na bhi ’g òl dibhe. Tha earrainnean ’s a Bhiobull ’s am bheil fion air a mholadh; ach ’s e toradh fallain na fionain, agus cha’n e fion grod, air an bheil iad sin a luaidh. Tha a Phaidir fhein a bacadh dibhe laidir, anns a ghuidhe so: “na leig sin ann am buaireadh.” Tha so a feuchainn gur coir buairidhean a sheachnadh; agus tha ’m fear a dh’ olas deoch laidir ’g a thilgeadh fhein ’n am meadhon. Tha ’m Biobull a toirmeasg do dhuine dibhe òl, ged nach deanadh i coire dha fhein, agus ged a bhitheadh e cinnteach nach tigeadh e ri latha gu bhi ’n a mhisgeir: “Is maith an ni gun fheoil itheadh, no fion òl, no ni air bith a dheanamh leis am faigh do bhrathair tuisleadh no oilbheum, no [TD 165] [Vol. 11. No. 21. p. 5] leis an deanar lag e.” Nise tha e ro chinnteach gum bhell moran d’ ar braithribh a faighinn oilbheum agus tuislidh le dibhe laidir, agus gum faigh moran eile oilbheum leatha, fhad ’s a leanas daoine air a bhi ’g a h-òl. ’S e ar dleasnas, uime sin, a seachnadh airson so amhain, a bharr air aobharaibh eile. Tha am Biobull a feuchainn gum bheil deoch laidir a lagachadh sluaigh araon an corp ’s an inntinn; oir bhacar i do mhathair Shamsoin, a bha gu bhi ’n a dhuine laidir, agus bha i air a toirmeasg do na sagartaibh, an àm an dleasnais. Os bàrr tha an Ti Mhath Uile-leirsinneach a feuchainn gur droch ni pòit; oir bheannaich e na Rechabaich, a cheann gun do sheachainn iad i gu tur, a reir aithne am priomhathar. Na saoil gun d’ thainig am beannachadh ach airson deagh aithne a choilionadh; oir cha tigeadh beannachd Dhé air sgàth aithne aingidh no leibidich. P. MAC GRIOGAIR. AN FHIRINN. CIOD i an Fhirinn?” arsa Pilat a’ deanamh fanaid, agus cha ’n fheitheadh e ri freagairt. Tha muinntir ann, gu cinnteach, a tha ’gabhail tlachd ann an luasgan inntinn, agus a tha meas gur daorsa bhi suidhichte ann am barail; a’ cur an ìre gu bheil saorsa ’n toile fein aca ann an smaoin agus ann an gniomh. Agus ged tha ’n seòrsa fheallsanach sin air siubhal, tha fhathast na ’r measg luchd-conaltraidh àraidh a tha dhe ’n aon dòigh smaoineachaidh, ged nach eil iad idir cho beothail ’s a bha iadsan a bh’ ann o shean. Ach cha’n e mhàin an duilgheadas no an t-saothair leis an eiginn do dhaoine an fhìrinn fhaighinn, no a rithist gu bheil i an deigh a faighinn a’ mealladh air barailean dhaoine, a tha toirt oirnn a bhi bàigheil ris na breugan; ach gràdh truaillidh a bhi againn a thaobh nàdair do’n bhréig fhein. Tha aon de dh’ fheallsanaich na Gréige, air dha bhi cnuasachadh na cùise, an imcheist mu’n ni so, gu bheil daoine gràdhachadh bhreugan; nuair nach eil iad a’ cosnadh toil-inntinn dhaibh mar do na bàird; no buannachd, mar do’n cheannaiche, ach air sgàth na bréige fein. Ach cha’n urrainn dhomhsa a’ cheist sin fhuasgladh: tha an fhirinn so fhein mar sholus glan an latha, leis nach faicear aghaidhean-coimheach is dealbh-chluichean is buaidh-chaithreaman an t-saoghail am faisg cho stàtail no cho taitneach do ’n t-sùil ’s a chithear iad le soluis choinnlean. Faodaidh e bhith gu’m bi an fhìrinn cho àrd prìs ri nèamhnaid a dh’ amhairceas na’s fhearr ri solus an latha, ach cha tig i gu pris daoimein no carbuncail, a dh’ amhairceas na’s fhearr ann an soluis mhùthach. Tha cothlamadh dhe’n bhreig a ghnath na ’thoil-inntinn. Am bheil neach sam bith a’ cur an teagamh, na’n tilgte mach á inntinnean dhaoine barailean diomhaine, dòchasan faoine, aislingean àrd-amasach, agus an leithide sin, nach fàgte inntinnean moran dhaoine na ’n nithean bochda seargte, làn cianalais is anshocair, agus mi-thaitneach dhaibh fein? Tha aon de na h-aithrichean, le gairgead mhóir, a toirt mar ainm do’n bhàrdachd “fion nan droch spiorad,” a chionn gu bheil i lionadh na macmeanmna, gidheadh is ann le faileas bréige. Ach cha’n i ’bhreug a dh’ imicheas troimh ’n inntinn, ach a’ bhreug a theid gu ’grunnd agus a shuidhicheas innte, a ni an cron mu’n do labhair sinn. Co-dhiu, tha na nithean so mar sin ann am barailean ’s an aignidhean truaillte dhaoine, gidheadh tha ’n fhirinn, a tha mhàin a’ toirt breith oirre fein, a’ teagasg dhuinn gur e iarraidh na firinn, ni a’s e bhi leannanach rithe, eòlas na fìrinn, a bhi na ’làthair, agus creidsinn na fìrinn, a bhi ga ’mealtuinn, àrd mhaitheas nàdair dhaoine. B’e ’cheud ni a chruthaich Dia, an oibribh nan làithean, solus a’ mhothachaidh; b’e an ni mu dheireadh solus na tuigse; agus is obair Sàbaid dha riamh uaithe sin, soillseachadh a Spioraid. An toiseach shéid E solus air aghaidh na talmhainn; an sin shéid E solus air aghaidh an duine; agus tha E fhathast a’ séideadh ’s a’ dearrsadh soluis orra-san a tha na ’n sluagh taghte dha. Tha am bàrd Lucretius, a chuir maise air an sgoil fheallsanachd a bha air dhòigh eile eas-ionann ri càch, gu h-òirdheirc ag radh, “Is taitneach an ni seasamh air an tràigh agus longan fhaicinn ga ’n luasgadh air a’ mhuir; is taitneach an ni seasamh ann an uinneig caisteil, agus blàr agus ’iomairtean fhaicinn air a chòmhnard fodhad; ach cha’n eil taitneas no toil-inntinn ann a dh’ fhaodar a shamhlachadh ri bhi seasamh air fonn àrd na fìrinn” (cnoc nach gabh cìsneachadh, agus air am bi an t-àileadh a ghnàth soilleir agus ciùin) “agus a bhi gabhail beachd air gach mearachd is seacharan is ceò is doinionn a tha anns a’ ghleann gu h-iosal:” ma ’s ann le iochd ’s le bàigh a ghabhar sealladh, agus nach ann le mor-chùis no le uabhar. Gu cinnteach is nèamh air thalamh inntinn duine bhi ’gluasad ann an gràdh, a’ gabhail tàimh anns an fhreasdal agus a’ tionndadh air aiseil na firinn. Ach gu tionndadh o fhìrinn dhiadhaireach agus fheallsanach gu fìrinn gnothuich làitheil, aidichear eadhon leothasan nach bi ga ’chleachdadh gur e déiligeadh dìreach, glan urram nàdair an duine, agus gu bheil cothlamadh dhe’n bhréig mar luaidhe no stàin ann an cùinneadh òir is airgid, nithean a dh’ fhàgas am meatailt na’s furasd’ obrachadh, ach a thruailleas e. Oir cha’n eil anns na seòlan cama, lùbach so ach imeachd na nathrach; a dh’ fhalbhas gu tàireil air a bhroinn ’s cha’n ann air na casan. Cha’n eil dubhailc ann a ni duine chòmhdachadh le nàire mar ni bhi air fhaotainn breugach agus mealltach; agus air an aobhar sin tha Montaigne gu grinn ag radh, air dha bhi ’sireadh an aobhair air-son an robh a’ bhreug na ’masladh cho mor agus na ’casaid cho fuathmhor, ars esan, “Ma bheirear a’ chùis gu ceart fa-near, tha a radh gu bheil duine ’g innse bréige co-ionann ri radh gu bheil e treun fa chomhair Dhé agus na ghealtair fa chomhair dhaoine: oir tha a’ bhreug a’ cumail a h-aghaidh ri Dia, ach a’ gabhail geilt roimh dhaoine.” Cha ’n urrainnear gu deimhin, cainnt a’s fhearr a chur air aingidheachd bréige ’s bristeadh-geallaidh na gur h-i an stàirn dheireannach leis an gairmear breitheanasan Dhé a nuas air ginealaichean dhaoine; air dha bhi air a roimh-innse, nuair a thig Criosd, “nach faigh e creideamh air an talamh.”—O Bheurla Mhorair Francis Bacon. Sgeul Iudhach. Bha Abraham an deigh obair an latha ’chur seachad, ag ullmhachadh air son gabhail mu thàmh, an uair a thàinig seann duine lag, breòite, a bha ceud bliadhna dh’ aois, gu dorus a bhùtha ag iarraidh cuid na h-oidhch’ air. Thugadh sin dha gu h-aoidheil a reir cleachda na h-àird an ear. Fhuaradh uisge ’nigheadh a chos, agus chuireadh lòn fa chomhair. Ach an uair a chunnaic Abraham gun do thòisich e air a shuipeir gun bheannachadh iarraidh, dh’ fheòraich e dheth an robh e ag aideachadh an Tighearna, cruithfhear nan uile nithean. Fhreagair an t-aoidh nach robh e a’ deanamh aoroidh do ni no do neach ’s a chruinne, ach do an Teine—ceud thùs nan uile nithean, a réir a bheachd-san. Lan eud, agus corruich ghrad dh’ iomain Abraham a mach as a bhùth e, ’g a smàdadh air son ’ìodhol-aoraidh; agus dh’ imich an seann duine a mach gu sàmhach gun fhocal a ràdh air ais. Ann an ùine ghoirid labhair guth an Tighearna ri Abraham a’ feoraich c’àit’ an robh an duine bochd a thàinig a dh’ iarraidh fasgadh na h-oidhche uaithe. Dh’ innis e gun d’ iomain e a mach e a chionn nach robh e ’g a aideachadhsan, an Dia beò, agus fìor. “Ghiùlain mise leis an duine sin ré chuig fichead bliadhna, agus nach fhaodadh tusa giùlan leis car aon oidhche?” thubhairt an Tighearna ris. Riamh ’n a dhéigh sin bha “athair nan creidmheach” foighidneach, fialuidh, seirceil ris gach aon a bha ann am feum, gun fhuath air bith a nochdadh air son an aidmheil creidimh. Tormod Mac Leoid ’san Aird’ an Ear. Tha cuimhne aig a h-uile neach air an t-Ollamh Tormod MacLeoid, duine ainmeil, urramach, bu mhinistear a’ Bharroni ann an Glascho bho cheann leth cheud bliadhna. Am measg moran sgeulachdan mu dheidhinn tha aon ro thaitneach nach eil ro thric air a h-innseadh a ghabhas labhairt a ris. Thug e na cheann aon àm turas a ghabhail do’n airde an Ear, agus ’nuair a chuala seana bhoirionnach ’s a chomhthional gu’n robh an dotair a dol air cuairt, “Fiach,” ars’ ise, “ma chi sibh Iain mo mhac a tha na sgiobair air long a tha seoladh mu ’n cuairt sliosan rioghachd an Turcach gu’n tabhair sibh focail dà. Cha d’ fhuair mi sgriob litir uaidh bho cheann bliadhna.” “Ma chi mi e,” ars’ an dotair, “ni mi sin.” Ach gu dearbh cha robh duil mor aige gu’n tachradh Iain Mac Thomais air anns an airde an Ear. Dh’ fhalbh an dotair air a thuras, agus tha duil gu’n dh’ fhalbh Iain as a chuimhne, gu aon latha ’nuair a bha an soitheach air an robh e a siubhal a smuideadh suas an caol cumhang a tha ruigsinn do “Constantinople,” baile mor rioghachd an Turcaich. Ann an sin thainig nan coinnimh long mhor chomasach a seoladh suas fo làn shiuil, a deanamh astar grad le gaoth fhabharach, agus chunnaic an dotair aig taobh fear an stiuir, nuair a thainig an long fa ’chomhair, duine le aodann a thug na chuimhne an gealladh a thug e do’n t seana bhean ann an Glascho. Ruith e air ball do thaobh an t-soithich agus ghlaoidh e aig airde a ghuth,—“An e Iain MacThomais is ainm dhuit?” “Moire, ’s e!” fhreagair an sgiobair le iongantas. “A Glascho?” thubhairt an dotair. “Seadh, gu dearbh.” “Sgriobh gu d’ mhàthair.” Doctair Rathuaidhe. “Smeorach cheòlmhor Chloinn Lachainn, ’S tric ’chuir aighear ’an tighean a’ bhròin!” —Donnachadh Mac-a’-Phearsain. Bi’dh Gàidheil deas ’us tuath toilichte ’chluinntinn gum bheil oidheirp ùr r’a bhi air a toirt air carragh-cuimhneachain a chur ’suas aig uaigh an Lighiche Mhic Lachainn. Cò leis nach bu mhiann clach a chur an càrn an Doctair Ruaidh—doctair nam bochd ’us nam feumach! C’àite ’n diugh am faighear lighiche a bheir seachad sgil ’us cungaidhean ’an nasgaidh mar a dheanadh esan? Cha’n ’eil iad idir ann. Tha na h-òrain ’s na duanagan aige air an cunntas am measg na bàrdachd a’s mìlse a chaidh a chur r’a chéile bho linn Uilleim Rois. Chuala sinn iomadh duine a toirt iomradh air Doctair Rathuaidhe—agus a’s ainneamh oidhche Gheamhraidh nach toirear tarruing air ann an tighean na céilidh anns na Garbh Chriochan—ach cha chuala sinn a h-aon riamh a’ labhairt uime ach le gradh, le uaill ’us le cliu. Tha an t-Urramach D. Mac Phàrlain, ministear na Morairne, ’an déigh tòiseachadh air airgead a thional air son carragh grinn a chur a’ suas dha ann an cladh na Cille, agus cha b’ urrainn fear a bu fhreagaraiche an gnothach a ghabh- [TD 166] [Vol. 11. No. 21. p. 6] ail os làimh. Cha’n ’eil cùram nach soirbhich leis agus nach toir e gu buil an nì a chuir e r’a shùil. ’S iomadh naigheachd gasda a th’ air aithris mu thimchioll air an Lighiche Mac Lachainn. Bu mhath agus b’ fheumail an obair do chuideigin a b’ urrainn an ùine ’sheachnadh iad so a chruinneachadh agus a chur a’ mach maille ris na h-òrain aige. Tha na h-òrain an ceart-uair a’ mach á clòdh. Tha Bodach na Beinne ’N a dhuine cho còir, ’S e ’bheireadh dhomh cuireadh Le furan gun ghò; Bi’dh pailteas gun airceas ’G a sgapadh m’a bhòrd, ’S bu toigh leam a chuideachd Na’n sguireadh e ’n bhòsd! So na briathran anns an tug an Doctair Ruadh taing do Fhear Mhiongairidh—Mr Seumas Mac Lachainn, a chaochail bho cheann còrr ’us dusan bliadhna—’an déigh dhaibh aon latha sgur do’n dinneir. Theirte Bodach na Beinne gu math tric ris an duine shnasail so a thaobh a’s gun robh an sliabh àrd, eireachdail sin, Beinn Shianta, ann am meadhoin na gabhail aige. Bha e fein agus an doctair ra mhór aig a chéile, agus bhiodh iad daonnan ri ràbhart ’us feala-dha ’n uair a thachradh iad.—An t-Obanach. Bas Shir Eachuinn. (Oban Times). Tha bròn mòr feadh na Gàidhealtachd gu léir mu bhàs a’ churaidh ainmeil, Sir Eachunn Mac Dhòmhnuill air an t-seachdain so chaidh. Cha’n ann a mhàin am measg nan Gàidheal ach feadh Impireachd Bhreatuinn uile agus an dùthaichean céin a gheibhear caoidh agus co-thruas a thaobh na crìch chianail a thàinig air cùrsa a bheatha. O cheann beagan ùine thàinig e do’n dùthaich so á Ceylon ach cha robh fhios aig a’ mhòr shluagh c’air-son. Cha robh e an Lunnuinn ach glé ghoirid ’nuair a bha e air a chur a mach gu’n robh e dol air ais do Cheylon. Chaidh e cho fhada ri Paris, baile mòr na Fraing, far an d’ fhan e beagan làithean, agus ás an d’ thainig sgeul aig toiseach na seachdain gu’n robh e dol air ais a choinneachadh casaidean a bha air a dheanamh ’na aghaidh. An ath latha bha na paipeirean làn do’n sgeul gu’n do chuir Sir Eachunn a làmh ’na bheatha féin. Cha ’n ’eil fhios fathast air gu dé na nithean a bha air an cur as a leth. Ach ’se beachd mhòran na ’m biodh e a làthair agus aghaidh ri aghaidh ri a luchd-casaid gu’n glanadh e e-fèin. A rèir coslais cha robh ’inntinn cho làidir o’n bha e air a lot ann an taobh deas Africa. Tha mòran ag ràdh gu’m bu chòir dha fois a ghabhail re da bhliadhna co-dhiù an déigh dha tighinn á Africa. Chaidh a chàirdean do Pharis aig deireadh na seachdain agus chuireadh a chorp f’ an curam-san gus am biodh e air adhlacadh ann an Albainn. Bha moran a bha ag iarraidh gu’m biodh e air a thiolacadh ann an siorrachd Rois far an d’ rugadh e; ach bha a bhean ’s a mhac an aghaidh so. Bidh cuimhne air an t-saighdeir ainmeil so troimh ioma lìnn; bidh a chliù cho maireannach ri cliù nan Eachunn gaisgeil a thàinig a mach á sliochd a shìnnsear. Sheinn am bàrd mar so mu Eachunn Ruadh nan Cath:— Gur h-ioma laoch dòrn-gheal Chaidh an òrduigh mu d’ bhrataich, Agus òganach sgiamhach Bha ’ga riasladh fo eachaibh, Agus spailp do fhear-tighe Nach tugadh atha d’a phearsa, A bheireadh claidheamh á duille Bhiodh cho guineach ri ealtuinn. ’Nuair a thogamaid feachdan, A rì! bu ghasd ar ceann-armailt; Ge b’e thigeadh air t’ eachdraidh Ghabh iad tlachd dhiot air Ghalltachd. Tha sgeul air tighinn á Ruisia a nochdadh gu bheil na madaidh-allaidh fhathast lionmhor ’san dùthaich sin. Dh’ fhalbh fear is bean a bha fuireach air an dùthaich do’n bhaile a dh’ fhaotainn leanaibh air a bhaisteadh. Air an rathad thug treud mhadadh-allaidh as an deigh. Dh’ iarr an duine air a mhnaoi an leanabh a thilgeadh g’ an ionnsaidh. Dhiùlt ise sin a dheanamh, agus dh’ fheuch esan ris a’ phàisde thoirt uaipe. Thuit a’ bhean ’s am pàisde as an t-sleighe ’s gun fhios do na madaidh-allaidh chaidh iad car mu char do chlais an rathaid. Lean na madaidh-allaidh air adhart ’s dh’ ith iad an duine ’s an t-each. Fhuair a bhean i fhein ’s am pàisde a shàbhaladh. Tha lagh ac’ ann an Switzerland o chionn àireamh bhliadhnachan a’ cur mar fhiachaibh air cuideachdan nan ròidean-iaruinn leth-cheud ’s a dha de làithean taimh a thoirt d’ an cuid sheirbhiseach. ’S làithean Sàbaid a dh’ fheumadh a bhi ’san treas cuid dhe ’n àireamh. Tha lagh air a dheanamh a nis a’ cur bacaidh air ruith thréineachan air latha na Sàbaid, mar sin a’ toirt do ’n luchd obrach cothrom an t-Sàbaid a choimhead mar dhaoin’ eile. Dh’ fhaodadh dùthchannan eile leasan a ghabhail o mhuinntir Switzerland anns an dòigh so. BARDACHD NA FEINNE. DAN AN DEIRG MHIC DRUIDHINN. ROIMH-RADH. THA ’n dàn so a’ toirt dearbhaidh dhuinn air na gniomharaibh iongantach agus treun’ a rinn an laoch Dearg mac Druidhinn. Is cosmhuil gu ’n do mharbh an Fheinn Druidhinn, athair an Deirg. Smaointich a mhac, air dha tighinn gu aois, agus gu gniomharan buadhach a dheanamh, cìs a bhith aige thairis air mòran sluaigh, agus buaidh fhaotainn air gach neach ris an do ghleachd e; agus gu ’n smachdaicheadh e an Fheinn mar an ceudna. Ach ge do cheangail e cuid diubh, agus ge do mharbh e cuid eile, fhuair iad buaidh air mu dheireadh; agus mar a tha ’n dàn ag innseadh, mharbh iad am mac cho math ris an athair. Innseam sgeul air caithream an fhir mhòir, A thàinig o ’n ear le dòchas buaidh; Treun laoch a bha làn do fheirg, ’S b’ e ’n Dearg dàna mac Druidhinn. Gu teach nam Fiann bu mhòr glòir, Do ghluais an Dearg mac Druidhinn, O ’n ear, o thìr nam fear treun Gu crioch a chur air Fianntaibh Alba. Briathar a thug an laoch làn, A’ cheud là do chaidh air sàl, Gu ’n tugadh e géill am mach Air gach aon Fhiannaidh d’a fheobhas. Air teachd o’n ear do ’n laoch làn Is e gu ’m feumadh an còmhrag: Ghluais an Dearg deud-gheal, donn Gu beinn Chruachain nam mòr shluagh. Bha ’n dithis laoch nach d’ fhuiling tàir A’ coimhead cuain a’ chobhair bhàin, Raoine nan iuil glan, mac Fheinn, ’S an Caol crodha, mac Gru-dhinn. ’N tràth ’choimhead an dithis ud an cuan, Tuiteadh iad ’nan codal trom, Gus ’n do ghabh curach an fhir mhòir Cal’ air an tràigh ’nan ceart chòir. Leumadh an laoch a b’ fhearr dreach Air tìr a crannagaibh a’ churaich; Tharruinn e i air na snoighibh, Air an tràigh ghil ghaineamh. Bha ’fhalt fionn-bhuidh’ mar òr dealrach, Os cionn da mhala nach dubh is gruaidhdhearg; ’S bha dà dhearc-shùil ghorm mar ghloine, An geal-ghnùis mhacanta ’mhilidh. Bha da shleagh reamhar chatha, An laimh mic an àrd-fhlatha; Sgiath òir air a’ ghuaillinn chlì Aig mac uasal an àrd-righ. Lann nimheil gu liodairt chorp, Air an laoch gun eagal còmhraig; Dealbh chumpta, chlochara, chorr, Air a’ mhilidh thartarrach, thaobh-gheal. Geilleadh ghaisgeacha ’n domhain shoir Do choisinn an Dearg mac Druidhinn Aig a mheudachd, air dhealbh ’s air dhreach, Air comhrag, ceart is air ciatfath. Dh’ éirich Raoine mac Fheinn, ’S an Caol ciatach, crodha, calma; Thogadar an airm ’nan laimh, Agus ruith iad ann a chodhail. “Innis do sgeul dhuinn, fhir mhòir; ’S ann oirnne tha coimhead a’ chuain: Is dà mhac righ le mòr uaill sinn, Do Fhianntaibh àrd, uaibhreach Alba.” Fhreagair esan le glòir neo-thìom: “An tir as an d’ thàinig mi, Ni h-iomadh aon neach ann do m’ ainfhios: ’S mi ’n Dearg mac Druidhinn ’s cha bhreug, Ag iarraidh géill o fhearaibh Alba.” Labhair Raoine an aignidh mhir: “Ciod e an righ an Dearg mac Druidhinn? Freagradh no geill o fhearaibh Phail, Ciod am faigheadh tusa ’laoich iomlain?” “Ge borb sibhse a dhithis laoch, Do bhrigh farmaid agus fraoich, Gu ’n tugainnsa cìs am mach De Gholl e fein ’s de chlannaibh Threinmhoir.” “Nan aithrisinnsa dhutsa na cathan, A Dheirg, a mhic an àrd-fhlatha, A chuireadh le Fionn fial ’S le Goll mac Morna nam mòr ghniomh; ’S gur lionmhor ’san tìr de laoich threun’ A dh’ eireadh riutsa gu d’ chòmhrag; ’S mor ’s glice dhut gun dol air d’ aghaidh Na tuiteam le ’m beumaibh crodha.” “Mo chorruich cha tréig mi a chaoidh,” ’S e labhair an Dearg mac Druidhinn; “Gun chinn na muinntir a shloinntear leam: Ceann Fhinn is Oscair is Ghuill air tùs, Ceann Dhiarmaid is Chaoilt’ is Charuill; Is cinn trì cheud luchd-muinntir gach fir Thoirt dhomh air madainn am màireach; An tìr uile ’thoirt dhomh geill, An eiric m’ athar, ’s cha ’n aon bheud, No còmhrag diol-fheargach, dian Fhaotainn, ’s cha ’n iarr mi tuilleadh.” “Mo bhriathar, ge borb do chainnt,” Do labhair an Caol ceutach, crodha, “Gu ’n rachamaid ’g ad chlaoidh, fhir mhòir, Mu ’n teid do sgleò na ’s fhaide.” Ris a’ Chaol chrodh’, chalm’ a b’ fhearr dreach Do ghleachdadh an Dearg mac Druidhinn, Gu laidir le feirg, agus fraoch: ’S mairg a dh’ fheuchadh an treun laoch. Dheanadh an Dearg comhrag cruaidh ’S an Caol crodha le mòr uaill; ’S cho-fhreagradh mac-talla nan creag Ri sgoltadh an sgiath ’s na cathaibh; ’S bu deireadh do ghleachd an dithis Gu ’n d’ cheangladh leis an Dearg ro-ghlan An Caol crodha ’s a’ chomhrag dhianmhor. Dh’ éirich Raoine an aignidh mhir, An deigh an Caol crodha a cheangal, Mach righ na Feinne gun tàir, Is ghleachd e ris an Dearg dàn’. B’ iongantach na cleasan goil’ A bha eatorra ’s an uair sin Gus ’n do cheangladh le cruaidh-bheum an Deirg Raoine an gaisgeach treubhach. “Is treun an gniomh dhutsa, ’fhir mhòir, Sinne ’nar dithis a chuibhreach. Sgaoil do cheangal, a laoich iomlain, ’S thoir leat sinne fad do thuruis.” Sgaoil an Dearg le mor chiall, A cheangal bhar dithis mhac righ, Is ghabh e bòidean o gach fear Nach togadh iad airm ’na aghaidh. (Ri leantuinn.) [TD 167] [Vol. 11. No. 21. p. 7] DI-DOMHNAICH CASG. LEIS AN URR. DONNACHADH MAC GILLEAIN. Ceud fàilt ort a mhaduinn, a mhaduinn an àigh— ’Chaomh mhaduinn gun ghruaman, gun smalan, gun bruaillean, Ghlan-rosgaibh gun smuairean, làn uaisl’ agus gràidh; Dùisg aoibhneas neo-thruaillidh ’mhaireas buan gu là bhràth. Biodh do ghrian-sa le h-aoibhneas a’ boillsgeadh ’s a dearrs’, A fògradh ’s a’ fuadach gach ceathach a’s gruamaich’ O gach cridhe tha ’n cruadal fo uamhunn a’ bhàis— Dhaibh innis gu ’n d’ bhuadhaich an t-Uan anns a’ bhlàr. O! giùlain an sgeula do ’n euslan bhochd, thruagh; Dha aithris le firinn, dha aithris le cinnte, Gu ’m bheil slàinte an Iosa o’n mhilltear ’s o’n uaigh, Do bhraighdibh bochd, dìblidh, fo bhinne ro chruaidh. Dha innis ge d’ shàraich car tràth e na slòigh, Ge d’ dhiùlt iad le tàir e, ge d’ mhaslaich ge d’ nàraich, Ge d’ dhìt iad gu bàs e le tàmailt ’sa mhòd, Gu’n d’ éirich an àird e le slàinte ’s le gloir. Dha innis gu ’m fac thu sàr ghaisgeach nam buadh, A’ mosgladh ’s a dùsgadh o’n chadal bu chiùine; Mar a’ mhaduinn a ghnùis gheal gun smùrnein, gun ghruaim, Gu ’n ’chreachadh, ’s gu ’n ’spùineadh an ùir leis ’san uaigh. Dha innis gu ’m fac thu an gaisgeach nach fann, Ag éiridh gu buadhach, ag éiridh gun ghruaman, ’N déigh braighdean bochd truagha ’shaor fhuasgladh a fang, O’n bhas a’s o thruaill’eachd le buaidh chath gun taing. Dha innis gu siorruidh gur h-e ’n grian e ’s an ròd, Gur h-e ’n dìdein gach là e, gur h-e ’n Slàn’ear gu brath e, Gur h-e ’n gaisgeach nach cearr e ’n àm gàbhaidh no broin, ’S nach dìobair gu brath e gus ’n tàrr iad gu gloir. Nach aithris thu ’n sgeulsa le éibhneas a’s mùirn, Nach aithris gu luath e do ’n lag-chridheach thruagh e, Ge d’ thionndar ’s an uaigh e gu truailleachd a’s smùr, Gu ’n éirich ’s gu ’n gluais e ’nìos uaipe le sunnd. Mar chaoin mhaduinn shamhraidh gu ’n dealraich a ghruaidh, Mar chaomh mhaduinn chùbhraidh, mar mhaoth mhaduinn dhrùchda, Gu ’m b’ i aogasg a ghnùise gun chùram, gun ghruaim, Gu ’n éirich le sunnd e, le mùirn e ’s le buaidh. Dha innis ged ’s duaichnidh gnùis uaine a’ bhàis, Ged ’s ogluidh a shealladh, ge caol-shuileach, scallach, Ge aognaidh, ge alluidh, ge sceannach gun àgh; ’S ge d’ bhuadhaich car sealain nach meal e am blàr. Dha innis ge d’ rùisg e, ge d’ spùinn e do ghruag, Ge d’ chaith e gu d’ chùl thu, ge d’ thaisg e ’san ùir thu, Ge d’ thionndar gu smùr thu, gu h-ùir a’s gu luathr’ Gun creachar d’a chliù e ’s gu ’n spùinear d’a bhuaidh. O! ’s binn leam r’a éisdeachd do sgeul-sa, a lò, O! ’s taitneach am chluais e, ’s ro bhlasda gach uair e, O! cluinneam gu buan e a gluasad am choir, Gun cluinneam le buaidh e ga luaidh ann an gloir. Gus am faic mi mu ’m choinneamh naomh chomunn nam buadh, Gus an cluinn mi gu h-ard e o ’m bilibh ’s o’n claraibh Am fonn ud ro aluinn leam ’s gràdhach gach uair, Gu ’n d’ chreachadh le m’ Shlàn’ear am bas a’s an uaigh. Iadsan a Phaigh. D A Mac Neill, Loch an Fhuamhair, N. S. Uilleam D Camaran, Heatherton, N. S. An t-Urr. A. S. Mac Neill, Orwell, E.P.I. Iain A Stiubhart, Belle Creek, E.P.I. Aonghas A Stiubhart, High Bank, E.P.I. Bean Iain Mhic-Nimhein, Catalone Aonghas Mac Gilleain, Catalone C R Mathanach, L’Ardoise Iseal D I Mac Neill, Bail’-Iain Lachainn I Mac Aoidh, Scotsville Cailean F Johnston, Sidni A F Moireasdan, Sidhni Tuath An t-Urr. Niall Mac-Mhuirich, Loch Ainslie M D Caimbeal, Baoghasdal A Mac Mhuirich, Red Jacket, Assa. F Mac-an-Toisich, Red Jacket, Assa. Ruairidh Mac Cormaic Red Jacket, Assa. Dr D Mac Dhiarmaid, Maxville, Ont. Iain I Mac Rath, Martintown, Ont. Eobhan Mac Isaic, Spokane, Wash. Iain Mac Amhlaidh, Quincy, Mass. An t-Olla D. Mac-Fhionghain, Duneideann BAS. Maduinn na Sàbaid, an coigeamh latha dhe ’n mhios so, aig Rathad Horne, am Mira, chaochail Domhnull Iain Mac-Aonghais, sia bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. Bha e na dhuine bha riamh fo dheagh chliù, agus a choisinn meas o gach aon a chuir eolas air. Bha e stuama, onarach agus dichiollach, agus bidh ionndrainn mhor air anns an sgìreachd ’san robh a dhachaidh. Tha co-fhaireachdain againn ris na càirdean a dh’ fhag e na ’dhéigh. SEAN-FHACAIL. Is fearr na ’s leòir na tuilleadh ’s a’ chòir. Is faoilidh an coileach le coirc’ an eich. Is fhearr sgreuch leinibh na cnead caillich. Is fearr rathad fada glan na rathad goirid salach. Is fhearr a dhol as an amhaich na dhol as an fhasan. Is fearr am bochd ionraic na ’m beartach mealltach. Is fearr am foghlum a dh’ ìslicheas duine na ’m foghlum a dh’ àrdaicheas e. Is fear dichioll an duine laig na neo-shunnt an duine làidir. Is fear aon laogh còir na dà chraicionn. Is fearr bannag le sìth na baile le strìth. Is fearr beagan le ionracas na teachd-a-steach mòr gun cheartas. Is fearr bròn na gàire. Is fhearr bhi cinnteach na bhi caillteach. Is fearr deagh eisimpleir na cronachadh. Is fhearr an t-amadan a bhreugadh na dol ’g a fheuchainn an comhrag. Is fhearr eisimpleir na achmhasan. Is fhearr greim caillich na tagar righ. Is fhearr dithis na aon fhear. Is fhearr tighinn an deireadh comuinn na an toiseach trod. Is fearr pilleadh am meadhon an t-srutha na dhol leis an abhainn. Is fhearr teicheadh math na droch fhuireach. Is glice an saighdear a theicheas le ’anam na ’m fear a dh’ fhanas. Is math an leanabh nach toir aobhar-guil do ’mhathair uair-eigin. Ami Mhoraidh. Tha a bhan-òranaiche so a choisinn Duais air-son seinn aig a’ Mhòd Ghàidhealach ri cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach am miosan Màigh is Iun. Tha i toileach còrdadh a dheanamh air-son concerts a chumail an caochladh àiteachan, agus gheibhear gach fiosrachadh a thaobh nan amannan ’s nan cumhachan le sgriobhadh uice mar a leanas:— MISS AMY MURRAY, 20 West 28th Street, New York, N. Y. Tha na bàtaichean aiseig a nise deanamh an tursan riaghailteach eadar Sidni is Sidni Tuath. Tha ’n deigh mhor anns an acarsaid o chionn dha no tri làithean, ach cha’n eil i cur maille an na bataichean. Tha i co-dhiu a’ fàgail na h-aimsir moran na’s fuaire na bhitheadh i na’n robh ar criochan saor o’n deigh. Tha an sgadan earraich pailt mu na cladaichean air an t-seachduin so, agus tha na h-iasgairean a’ glacadh roinn mhor dheth. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. . EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 168] [Vol. 11. No. 21. p. 8] ORAN A BROCAIR. LE DONNACHADH MAC-GRIOGAIR. O, gur mis’ tha fo airsneal, ’S mi ri faire na broclaich ud thall, ’S gun mi faicinn fear m’ aiteis ’Tigh’nn le lomhainn chon ghasda airsreing; Leis na h-abhagan sgairteil ’S luath a dheanadh an aisith ’sa chàrn, ’S leis na miol-chonaibh seanga Bhuaileadh speach air fear cabrach nam beann. Gur a h-iomad oidhch’ anmoch A thug mise air sgàirnich ’san tìr; ’S bidh mi ’n nochd mar a b’ àbhaist Gun aon duine ri mànran rium fhìn. Nam biodh fios aig mo nàbaidh Gu bheil mis’ an so ’n dràsda ri strì, ’S ann na cheum nach biodh fàilinn, Bhiodh e agam am màireach le cìnnt’. C’uim an cuirinn-sa coire Air an òigear ’s nach toilleadh e i, ’S gur mi fhìn ’bhrisd a choinneamh; Cha ’n fheil stàth dhomh bhith gearan no caoidh, Ged a dh’ fhuiling mi cruadal, Agus moran de dh’ fhuachd orm ga chinn, ’S mi gun leaba, gun chluasaig, Ach na leacan fo m’ chruachan ’s mi sgìth. Ach nan digeadh tu, Uilleim, ’S grad a thogadh tu ’m mulad so dhiom; Is sar ghiomanach gunn’ thu Leis an deanteadh an fhuil anns an fhrìth, Bu tu leannan na gruagaich, Te cho banail ’s cho suairc ’s tha ’san tìr; ’S làmh a leagadh ’n fhir ruaidh thu, Leis an cuirteadh na h-uain oirnn a dhìth. Tha mi fada bho aitreabh, Gun aon neach ’ni rium facal de chainnt, Ann an cùlaobh na beinne, ’N taobh mu dheas do Loch-Eireachd so thall, Ach na bidheam fo smuairean ’S mi ag amharc a suas ris gach àird, Ann an lagan beag uaine, Dh’ fheuch am faic mi ’m fear ruadh ’tighinn air sgàth. Dh’ fheuchainn ro bheagan caoibhneis Dhuit, a shionnaich nan coilltean ’s nam fròg, Nuair a ghlacainn an spàinteach, A bhiodh freagarrach, làmhchar fo ’n òrd, Bheirinn toll air do léine, Nach leighiseadh léigh a tha beò, On ’s i ’n droch-bheirt dha ’n géill thu, Is nach faighear thu ’dh’ éisdeachd a mhòid. ’S iomad fear a tha ’m barail Gu bheil m’ aran-sa socrach gu leoir; Their gach aon a tha ’s tìr rium, Gur tu fear an druim dhìrich gach lò. Ach nam faighinn seachd bliadhn’ iad Gu bhith siubhal nan crioch air mo lorg, ’S e mo bharail gun fhiaradh Gu bheil pàirt diu a liathadh ’s iad òg. Cha’n ioghn’ dhomhs’ a bhi truagh dheth ’S a liuthad oidhche fliuch, fuar a thug mi Ann am shìneadh ’m bun bruaiche, ’S dian chur sneachda bho thuath orm gam chlaoidh, Gur h-e ’mheudaich droch shnuadh orm, Is a thanaich a ghruag bhàrr mo chinn: Is mor m’ eagal ’san uair so Gnu greas e gu uaigh mi roimh ’m thìm. Thug mi tamull am òige, ’S bha mi amaideach gòrach gu leoir; ’S fheudar aideach’ le nàir’ Gun robh mi bristeadh nan àithntean gach lò Ann an smuaintibh ’s am briathraibh, Ann am miannaibh, ’s droch ghniomharaibh fòs, An nis ’s mithich fàs diadhaidh Bho ’n tha ’n aimsir a triall mar an ceò. Rugadh Donnachadh Mac-Griogair am Braighe Raineach. Bha e na ’bhrocair. Bha e a còmhnuidh am Braigh’-Fasaidh. Bha e pòsda ri Sìne, nighean Ailein Stiubhairt am Bun Raineach. Bha Uilleam na ’ghille aige ag ionnsachadh na brocaireachd. Bha e ri tachairt ris air oidhche shònraichte, ach rainig am brocair an t-àite roimh ’n àm. Is ann an sin a thòisich e air an òran. STRON-EASGAIR. LE DONNACHADH MAC-AN-T-SAOIR AN COMHALL. Is mór mo chùis smuairean On ghluais mi Diar-daoin Gu gleann nan lùb uaine, ’N robh uaislean mo ghaoil. Bu phailt ann crodh guaillionn A nuallan ri ’n laoigh;— Sud a bhuail’ anns nach gluaiseadh a chaoile. Bu ghreadhnach ri uair Stròn nan cluaineagan caoin’, ’S bu lionmhor na sguaban Ga ’m buan air gach raon; On chìnn i fo luachair Chaidh gruaim air a h-aoibh; An àit bhuailtean is chluaran tha fraoch oirr’. A Bhàn-leacann bhruachach, Air ’m buaint’ an subh chraobh, Bu lionmhor do bhuadhan, ’S cha b’ fhuar leam do ghaoth. A mheud ’s a bha ’n uachdar De d’ chnuaic bu chlach-aoil; ’S ann o d’ luaithre bhiodh duais aig luchd-saoithreach. Dhail-ghearrte ghrinn, bhòidheach, Cha b’ fhòlach do bhàrr, Ach coirc agus eòrna, Bhiodh mòg-cheannach, àrd; Muim-altruim gach pòir thu, Thig beò anns a Mhàrt; ’S cha laigh fuarachd no gruaim ort ’san fhaoilteach. Bu sheamragach, feòirneineach, Neòineineach thu, Is b’ fhasgach do shrònagan Ceòsagach, ùr; Do mhachraichean òrdail Bhiodh còmhdaicht’ gu dlùth; ’S ann ga’m buain a bhiodh smuais aig na faobhair. B’ e ’n t-eibhneas bhith gluasad Mu d’ chluaineagan réidh’; Bu sheasgair do m’ ghruaidh iad Fo fhuarachd nan speur, ’S do phreasan mar bhuaile Gu suain aig an spréidh, ’S gorm-bhrat uain’ air gach gualainn is raon dhiot. A Shròn nam bad cùbhraidh, Nan ùbhlan ’s nam peur, Laigh bròn air do lùchairt, ’S tu ’g ionndrainn na dh’ eug; Gach ròs tha air lùbadh, Gun drùchd, gun teas gréin’; Maise shuaicheant’ do shnuadh tha air caochladh. A Chnocain an fhuarain, ’S dubh uaignidh do ghnùis; Ach chunna mis’ uair Nach robh gruaim ort no mùig; Bhiodh spaidseireachd uaislean Gle chruaidh air na bùird, ’S bu ghlan snuadh na bha gluasad air t’ aodann. Bhon dh’ fhalbh na fir àluinn Chaidh àrach fo d’ shùil, Cha chluinn sinn guth mànrain An àros na mùirn, Bhiodh àgh ann is gàire, ’S piàna toirt ciùil Aig na gruagaichean snuadh-mhaiseach, caoin-gheal. Ach sguiream de m’ dhàn Mu na h-àrmuinn b’ fhearr cliù; Cha dùisgear le ceòl iad, Tha ’n còmhnuidh ’san ùir. ’S e ’n gliocas bhith òrdail N’ ar còmhradh ’s n’ ar rùn; ’S gearr ar cuairt, ’s beag ar buannachd ’san t-saoghal. Chuireadh an t-oran so am mach an Co-chruinneachadh Mhic-Caluim ’sa bhliadhna 1821. Bha ’m fear a rinn e beò an uair sin. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. o., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton [TD 169] [Vol. 11. No. 22. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 1, 1903. No. 22. THA luchd-cladhach nan uaighean ann am Montreal air seasamh a mach o’n obair. Tha na strikes gle lionmhor ’sna bliadhnachan so, ’s cha’n eil gann aon diubh nach eil a cur call is cosdas air an duine bheò. Tha e coltach a nise nach urrainn do neach a’ bhi cinnteach gu’m bi e cuibhteas iad eadhon an deigh a bhàis. A reir beul-aithris na h-Eadailte, b’ ann air an aonamh latha fichead de mhios Aprail a bha baile na Ròimhe air a shuidheachadh an toiseach, agus tha da mhile sia ceud lethcheud is sia (2,656) bliadhna air dol seachad o’n thachair sin. Bha co-ainm an latha air a chumail ’san Ròimh am bliadhna le moran othail is greadhnachais. Tha Sasunnach a tha ’cur cuairt air na Stàidean, a’ faotainn coire do’n dòigh anns am bheilear a’ togail bhailtean mora na dùthcha sin. Tha moran de na togalaichean tuilleadh is àrd, agus tuilleadh is faisg air a chéile, air dhòigh ’s gu ’m bheil an solus ’s an t-àile glan air an cumail a mach. Thatar mar sin a’ toirt anacothrom mor do na daoine bochda—luchd-aiteachaidh nan togalach sin—agus ag aobharachadh tinneis is tuilleadh bochdainn na ’m measg. Aig bun a ghnothaich so uile tha gaol an airgid. Tha luchd-seilbh nan taighean mora ga ’n togail air sgàth a’ mhàil a gheibhear air an son. Air an aobhar sin feumar an deanamh cho mor air leud ’s air fad ’s a cheadaicheas am fearann, agus cho àrd ’san adhar ’sa cheadaicheas an sporan; feumar cuideachd na seòmraichean a dheanamh beag a chum ’s gu’m faighear gach sgillinn màil a ghabhas fàsgadh as an t-sluagh a theid a chòmhnaidh annta. CHA’N eil an Sasunnach so ag àicheadh nach eil tighean-còmhnaidh cumhann, mi-fhallain gu leòr ann am bailtean mora a dhùthcha féin; tha e ’g radh, co-dhiu, gu’m buin iad do na linntean a dh’ fhalbh, agus gu bheil iad a lion beagan is beagan a’ deanamh àite do dh’ aitreibh a’s fhearr. Ach anns na Stàidean buinidh an seòrsa thogalaichean d’ am bheil e ’faotainn coire do ’n latha ’n diugh; thatar ga ’n sior chur suas gun bhacadh sam bith, agus air an aobhar sin tha e meas nach eil bailtean mora nan Stàidean idir cho adhartach ri bailtean mora na seann dùthcha. Is baile ùr Sidni an latha ’n diugh, agus tha e ’fàs gu bras. Anns a bhraisead sin tha cunnart—cunnart gu’n deanar mearachdan nach gabh ceartachadh ’sna bliadhnachan a tha ri tighinn. Tha sinn an dòchas gu’m bi an luchd-riaghlaidh ’s an sluagh glic, agus gu’n dean iad an dichioll air gach mearachd a sheachnadh. Is còir sùil gheur a chumail air gach ni agus neach a dh’ fhaodas a bhi ’g iarraidh greim a dheanamh air còirichean an t-sluaigh. Tha còir aig gach duine, biodh e bochd no beairteach, air dearrsadh blàth na gréine ’s air àile glan an adhair. Deanamaid cinnteach nach bi taighean-còmhnaidh a bhaile so mar na h-aitreibh a dh’ ainmicheadh, dùmhail, dorcha, mi-fhallain mar phrìosain. AN àm a bhi togail bhailtean ùra cha ’n e ’n gliocas daonnan a bhi gabhail bhailtean eile mar riaghailt. Tha e ceart is feumail deagh riaghailt a ghabhail o bhaile mar a tha e deagh eisimpleir a ghabhail o dhuine, ach faodar a dhol tuilleadh is fada leis. Ann an sùilean cuid de dhaoine tha ni sam bith ceart ma thatar ga ’chleachdadh no ga ’cheadachadh an àiteigin eile. Ma tha iad aig àm air bith an imcheist mu ni a tha ri dheanamh, is leòir leotha fhaotainn a mach ciamar a thatar ga ’dheanamh le muinntir eile. Na’m bitheamaid uile dhe’n inntinn sin, cha mhor adhartais a thigeadh oirnn mar dhùthaich no mar shluagh. Bhitheamaid an ùine ghearr mar mhuinntir Shina, dùthaich anns am bheil e na mhì-mhodh mor do dhuine feuchainn ri inneal no innleachd a rinneadh le duin’ eile a dheanamh na’s fhearr. CHUAL an saoghal uile mu chàs Dhreyfuis, agus tha e coltach gu’n cluinnear tuilleadh mu dheidhinn. Tha nithean ùra air tighinn am follais o chionn ghoirid a tha dearbhadh gu soilleir gu robh e neo-chiontach. Chaidh fheuchainn aig cùirtean airm da uair cheana. A’ cheud uair chaidh fhògradh do eilean aonranach, mi-fhallain ’sa chuan a deas far ’n do dh’ fhuiling e peanas do-labhairt. an deigh a shaoradh as a sin, chaidh a thoirt air ais do ’n Fhraing ’s fheuchainn a rithist. Air an turas sin fhuaireadh ciontach e, ach thugadh mathanas dha. A reir barail an t-saoghail mhoir bha ’n fhianuis a thugadh aig a’ chùirt mu dheireadh ga ’shaoradh gu h-iomlan, ach airson an toil fein a thoirt do chuid de dh’ àrd ofigich an airm rinneadh mar a dh’ ainmicheadh, fhaotainn ciontach agus an sin a mhathadh. Cha robh Dreyfus no ’chàirdean riamh leagte ris a’ bhinn sin, agus tha iad a’ dol a thoirt ionnsaidh eile air ceartas fhaotainn dha. Ged is math an t-saorsa, is searbh an gnothuch le duine neo-chiontach a bhi ga mealtuinn mar ghibht o naimhdean nuair bhuineas i dha mar chòir. THA sinn fior thoilichte gu bheil cuid de na Gàidheil air an gluasad, mu dheireadh thall, gu urram a chur air bàird an dùthcha féin. Agus tha sinn gle riaraichte gu’n do thòisich iad aig Donnachadh Bàn, le coinneamh chuimhneachain a chumail air co-ainm latha ’bhreith. A reir a’ chùnntais a fhuair sinne, cha b’ ann am Beurla bha choinneamh sin air a cumail idir; tha so cinnteach co-dhiu, gur glan gasda a’ Ghàilig a th’ anns an òraid a bha air a labhairt, agus a tha air a clòbhualadh air taobh eile dhe ’n àireamh so. Tha cuimhn’ againn air bhi ’leughadh ann an aon de phaipeirean na h-Alba bliadhna no dha air ais, gu’n robh “Oidhche Bhurns” air a cumail le aon de na Comuinn Ghàidhealach. Agus mur biodh an tàmailt bheireadh an naidheachd a bh’ ann gàir’ oirnn—Gàidheil na Gàidhealtachd, buill Comuinn Gàilig, a’ cur urrram air bàrd nan Gall ’s a’ deanamh dearmad air an cuid bhàrd fhein! Ach ’s obair latha tòiseachadh, agus o’n chuir Gàidheil an Obain an t-urram so aon uair air cuimhne Dhonnachaidh Bhain, bidh dòchas is dùil againn ri nithean a’s fhearr. Ma tha ni ann as an dligheach do na Gàidheil uaill a dheanamh ’s e sin bàrdachd an dùthcha; agus ma tha meas ac’ oirre ’s còir dhaibh urram a chur air na bàird a thug dhaibh i. Gun teagamh sam bith tha Canada a’ soirbheachadh ’sna bliadhnachan so. Air a’ bhliadhna ’n uiridh, bha teachd-a-steach riaghladh na dùthcha cho àrd ri $58,050,790. Re nan ceithir bliadhna chaidh seachad bha còrr is coig muillion dolair air a thoirt bhar ainbheach na dùthcha. Thatar a’ meas nach bi an teachd-a-steach am bliadhna na’s lugha na $65,000,000. Cha d’ rinneadh atharrachadh sam bith a’s fhiach ainmeachadh air cisean na cusbainn. THA Yung Lu, an t-ard-chomhairleach aig Ban-Iompaire Shina, marbh. Chaochail e o chionn da sheachduin. Bha e na ’dhuine cumhachdach, agus bha gràin an uilc aig air na coigrich. Mur biodh sin dh’ fhaodadh e bhi beò an diugh. Cha robh a thinneas a chum bàis idir na’n robh lighichean ceart a’ frithealadh dha, ach lean e ri lighichean a dhùthcha fein, ’s cha’n fhuiligeadh e cur a dh’ iarraidh lighiche geal gus an robh e ro anmoch. Am Priosanach Sineach. An deigh do aon de dh’ iompairean Shina faotainn air cathair-rioghail a shinnsir, thug e òrdugh seachad gu’m biodh gach neach a bha air a chumail am priosan air-son ainbheach air a chur m’a sgaoil. Am measg na feadhnach sin bha seann duin’ àraidh a thainig gu bochdainn an làithean òige, agus a reir a chùnntais a bha e fein a cumail le bhi ’gearradh eagan air taobh an doruis, bha còrr is leth-cheud bliadhna air ruith o’n chaill e ’shaorsa. Le lamhan critheanach ’s le ceum trom, chaidh e mach á aitreabh a bhròin; bha àilleas am t-soluis a toirt a fhradhairc uaithe, agus bha aghaidh nàdair na shealladh mar fhios phàras. Bha ’m priosan ’san robh e astar beag o Phekin, agus air a’ bhaile mhor sin chuir e aghaidh, ’s fadachd air gu bhi air fhàilteachadh le mhnaoi, le chloinn ’s le ’chàirdean. Cha b’ ainn gun mhoran duilgheadais a chaidh aig air an t-slighe dheanamh dh’ ionnsaidh na sràide air an robh an tigh aige fein; agus bha a chridhe fàs na b’ aotruime mar bu dlùithe bha e dol air. Bha e ’g amharc mu’n cuairt gu togarrach; ach bu ro ainneamh ni a bha e faicinn air an robh cuimhn’ aige. Bha aitreabh mhor eireachdail air a cur suas air làrach an taighe ’san robh e fein a’ fuireach; [TD 170] [Vol. 11. No. 22. p. 2] bha taighean-còmhaidh nan nàbaidh air cruth ùr a ghabhail; agus cha’n fhac’ e aghaidh duine bu chuimhneach leis fhaicinn riamh roimhe. Chunnaic e seann diol-deirc na ’sheasamh faisg air dorus o’n deachaidh fhuadach air falbh gu tàireil le seirbhiseach. Do ’n urra bhochd sin thug e bonn beag dhe’n airgiod a thugadh dha fein leis an iompaire, agus uaithesan fhuair e an sgeula cruaidh, gu’n d’ fhuair a bhean bàs le bròn ’s le acras, gu’n d’ fhalbh a chlann a shireadh am beòlaint an dùthchannan céin, agus gu robh a chàirdean bu dlùithe ’s bu ghràdhaiche air an càradh fo’n fhòd. Air a lionadh le bron ’s le cràdh-intinn, ghreas e gu lùchairt an iompaire. Thug a chiabhan glasa ’s a ghnùis dhoilghiosach dha cead teachd an làthair an urra mhoir sin, agus a tuiteam aig a chasan, ghuidh e air: “A Phrionnsa Mhoir, cuir mise air ais do’n phriosan as am fac’ thu iomchuidh mo shaoradh! Tha mi air m’ fhàgail na ’m aonaran, mo bhean ’s mo chàirdean air an toirt uam, agus eadhon am measg sluaigh a’ bhaile mhoir so tha mi mar gu’m bithinn leam fein. Bha ballachan mo phriosain a’ cumail dhaoine o bhi ’g amharc air mo thruaighe, agus ged bha mi air mo chumail o chomunn an t-saoghail, cha robh aithne agam air na bha mi call dhe ’shòlasan. Tha mi nis air mo chiùrradh ag amharc air sonasan nach urrainn mi shealbhachadh, agus a’ bàsachadh le tart ged tha aibhnichean de thoileachas-inntinn ga m’ chuartachadh.” Naidheachdan. Bha fear Seumas Haines, an Digby, N. S., a muigh a’ sealgaireachd an la roimhe: thuit an gunn’ air, ’s chaidh an urchair troimh ’lamhan. Feumar an da laimh a thoirt dheth. Cha d’ fhuaireadh a mach fhathast ciod a b’ aobhar dh’ an sgiorradh a thachair air an rathad-iaruinn aig Windsor Junction. Tha Copeland, fear-na-h-inneil, am fear bu choireach ris an sgiorradh, gu ruige so san tigh-eiridinn, agus gus an togair e-fein innse, cha bhi fhios aig daoine ciod a thug air a dhol an aghaidh an òrduigh a fhuair e, ’s gun suim a ghabhal de na comharraidhean a bh’ air an cur a mach roimhe. Tha nighean òg ann an Salt Lake City a bha na cadal gun dùsgadh fad leth-cheud is seachd latha. Dhùisg i maduinn Di-luain s’a chaidh, agus choisich i beagan cheum air an ùrlar. Nuair chaidh i chadal thomhaiseadh i sia fichead is seachd punnd, ach an uair a dhùisg i cha tomhaiseadh i ach tri fichead is naodh deug. Tha na lighichean dhe’n bharail gur e ni-eigin a bhi cearr air an eanachainn aice a dh’ aobharaich an cadal fada so. Chaidh duine dubh a chrochadh ann an Stàid Missouri o chionn ghoirid le gràisg de dhaoine geala bhrist a stigh do’n phrìosan ’s a thug a mach e gun taing do oifigich an lagha. Tha a leithid so a tachairt gu math tric ’sna stàidean a deas, ach am bitheantas ’se ’n duine ciontach a thatar a cur gu bàs. Air an turus so, co-dhiu chaidh a dhearbhadh gu soilleir gu robh ’n duine chaidh a chrochadh neo-chiontach. Ach cha dean sin diubhar. Cha’n e gràin an uile a tha gluasad an t-sluaigh ud gu gniomharan cho an-iochdmhor, murtail,—cha’n e, ach gràin an duine dhuibh. O chionn àireamh mhios air ais tha cuideachd a’ ghuail is cuideachd an iaruinn fo’n aon riaghladh. Thatar a nise ’g iomradh gu bheil iad ri bhi air an tàthadh ri cheile gu h-iomlan, agus nach bi ann an ùine ghoirid ach aon chuideachd. Tha stochd cuideach an iaruinn air tuiteam gu mor ann am prìs air an earrach so, agus cha’n eil teagamh nach e sin aon de na h-aobharan air-son am bheilear a’ dol a dheanamh an aonaidh. Nuair a nithear sin gabhaidh an da obair cur air adhart na’s fhearr agus na’s probhaidiche na’s urrainnear a dheanamh fhad ’s a bhios iad air leth. Chaidh duine tha ’fuireach ann a Hamilton, Ontario, a chur do’n phaiosan an la roimhe airson da thasdan a ghoid o mhàthair. Tha aige ri bhi ’sa phriosan sia miosan. O’n chaidh roinnean Chanada aonadh ’sa bhliadhna 1867, tha àrd-riaghladh na dùthcha an deigh còrr is ceud gu leth muillion dolair a chosd a togail rathaidean-iaruinn, no a’ cuideachadh le ’n togail. Thainig còrr is còig ceud de luchd-imrich á Alba air aon soitheach do Halifacs air an t-seachduin s’a chaidh. Bu mhuinntir òg iad uile; cha robh ach aon ainneamh dhiu thar deich bliadhna fichead a dh-aois. Thatar ag iomradh gu bheil Pòl Crugar agus Steyn, an da riaghladair Bhoerach bu choireach ris a’ chogadh, a nis air leabaidh am bàis. Cha’n eil teagamh nach eil am mi-fhortan a thainig orra ri linn a’ chogaidh ag aobharachadh trioblaid-inntinn a tha cuideachadh an tinneis. Bha teine mor ann an baile St. John seachduin gus an Di-haoine s’a chaidh. Aig cridhe ’n rathaid-iarainn (an C. P. R.) bha luaca faisg air ceithir fichead mile dolair air a losgadh, agus anns a’ bhaile fhein bha dha no tri thogalaichean air an losgadh a b’ fhiach leis na bh’ annta mu cheud mile dolair. Chaidh tòiseachadh air a’ churachd ann am Manitoba air a’ cheud latha dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Tha i nise ’n ìre mhath a bhi ullamh. Ma chinneas na chuireadh gu math, bidh a’ bhliadhna so air toiseach air gach bliadhna thainig roimpe anns na Roinnean an Iar. Cha’n eil soirbheachadh nan cearnan sin de Chanada ach a’ tòiseachadh. TUBAIST AIR AN “t-SEAMRAG”—Tha e ro choltach nach urrainn do Shir Tòmas Lipton birlinn a thogail do nach eil an dàn tubaist air choireigin tachairt mu’m fàg i thall. Da bhliadhna ’n t-samhraidh so, thachair sgiorradh do’n t-Shamrock II a chuir beatha ’n righ an cunnart, agus anns an deachaidh sàbhaladh caol air gach aon a bh’ air bòrd. Agus cha’n eil an t-Shamrock III dad na’s fortanaiche. Air an t-seachdamh latha deug de dh’ April, nuair bhatar ga toirt a mach a chur réise ri da bhirlinn eile thainig oiteag làidir ghaoithe a sguab air falbh gach crann is seòl is ni eile bha os ceann clàir. Bha Sir Tomas fhein air a leònadh gu cràiteach, agus bha aon de na seòladairean air a bhàthadh. Cha chum so a’ bhirlinn o bhi air an taobh so dhe’n chuan a chur réise ris a’ bhirlinn Gheancaich aig an àm shonraichte. Muinntir Leoghais. Chhidh an Rùn chléireach Stàiteil air son na h-Alba maille r’a fhear-cuideachaidh do eilean Leòghais air an t-seachdain a dh’ fhalbh a dheanamh rannsachadh ás ur mu choir is mu fheuman an t-sluaigh. Tha fhios coitcheann aig na h-uile cionnus a tha cùisean anns an eilean ud. Tha mòran ann gun fhearann; agus tha iadsan a’ gearan. Tha feadhainn eile ann agus cha’n ’eil aca do fhearann na chumadh anam is corp ri chéile. Bidh muinntir eile a’ cumail a mach nach ’eil e gu feum air bith a bhi toirt fearann do na daoine bochda ud aig nach ’eil airgiod na or a cheannach stuic. Cluinnear sgeul air na nithean so a nis as ùr; ach tha dòchais math aig cuid gu’n dean am Morair Balfour Bhurleigh agus Mr Mac-Leòid an dìchioll a dheanamh air còmhnadh an t-sluaigh agus cuideachadh fhaotainn dhaibh. Bha iad ann an Steòrnabhaigh agus choinnich iad ri àireamh shònruichte do dh’ uailsean a’ bhaile a tha breithneachail mu chùisean do’n t-seòrsa, agus ásda so thaghadh còmhlan a bhios a’ cur nan oidhirpean a tha feumail air dòigh. Chaidh iad mu’n cuairt leis a’ bhàta gu Nis agus air an turus fhuair iad féin-fhiosrachadh air a bhi ann an stoirm agus ann an onfhadh fairge. An déigh dhaibh tighinn air an ais do Steòrnabhagh sheòl iad gu Lochaills, agus air Di-haoine chaidh am Morair Balfour troimh Ionar-nis ’na dhol deas.—Oban Times. EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. IV. IS ANN A REIR MAR A CHUIREAS A BHUAINEAS SINN—AM MATH AN AGHAIDH AN UILC. AN uair a chuidich an t-Osdair Adam do ’n diollaid mu choinneamh an doruis fhosgailte, sheall e le sùil fharraideach air Uilleam teith, a fhreagair e le ’cheann a ghnogadh, ’s e aig a cheart àm a toirt sgrìob le cùl a dhùirn tarsuinn a bheòil ’s a deanamh casad tioram no dha, a tharruinn e á grunnd a chléibh, gus a chur an cuimhn’ a mhaighstir gu ’n robh pathadh mor air. Mu ’n do thàrr an Caiptein socrachadh na ’dhiollaid, chaidh an t-each gu leum ’s gearradh shùrdagan iongantach, a thug air a’ mhaighstir sealltuinn le sùil amhrusach air an Osdair dhubh. “Bha fios aig Uilleam,” ars’ esan ’s e freagairt na ceist a bha ’n sùil a’ Chaiptein, “gur toigh le ’ur mòrachd each meanmnach, ’s mar sin thug e dha, tha e ’g innse dhomh, cuman mor de ’n choirce a’s fhearr, gus e bhi comasach air an t-astar garbh a tha roimhe a dheanamh an tiota.” Bha ’n t-each gun teagamh a nochdadh gu soilleir gu ’n deach spiorad a chur ann o’n a ghabh Uilleam a chùram; oir mu ’n d’ fhuair a mhaighstir an t-òsdair a fhreagairt, chaidh e á sealladh mar an dealanach ann am fras phuill is mholag, air an rathad gharbh suas an gleann, ’s am prioba na sùla shluig an dorchadas e, ’s dh’ fhàgadh an t-Osdair dubh agus Uilleam ri gàireachdaich aognaidh an aodainn a chéile le subhachas. Aig a cheart àm thàinig oiteag chuairteach nimheil a nuas an gleann a theab a chàraid thlachdar so a sguabadh o’n dorus, is thòisich an iarmailt dhubh ri cur a nuas pàirt dhe na bha ga ’tachdadh, air dhòigh cho bras, cho tiugh, ’s cho uamhasach, ’s nach bu chuimhneach leis an duine bu shine ’san dùthaich a leithid fhaicinn riamh roimhe, ’s cha robh dùil ac’ fhaicinn na ’dhéigh. Thionndaidh an t-Osdair dubh ’s thug e ’n dorus air ’s Uilleam ri ’shàil, is bha ’n sàth aca an dorus a dhùnadh na ’n dithis. Cha robh ’n seann mhuileann dubh riamh ag amharc cho clùthmhor, le solus nan caoirean ’s a chrùisgein dhubh, ’s a bha e air an oidhche so, an sùilean a mhaighstir. Bha spiorad sgriosail a mhillidh m’a sgaoil: ach mar bu chruaidhe ’shian ’s a’ dhiosgan, ’s ann bu toilichte bha ’n t-òsdair a fàs; oir nach b’e so an oidhche, bha e smaointinn, a chuireadh, le ’chuideachadh fhéin agus Uilleim, crìoch air beath’ a nàmhaid, Caiptein Adam. Shuidh iad aig a bhòrd, an déigh do ’n òsdair searragan dubh a chur air eatorra air an robh fallus na h-aoise, gus am beagan coinnseas a bhàthadh leis agus an spioraid a thogail gu réis a chumail ris an stoirm a bha séideadh a muigh. Le sianail na gaoithe os a chionn, agus diosganaich nan seann taobhan dubha a cumail tìm ris, thog an t-Osdair dubh a ghuth aognaidh, mar fhitheach am broinn barailte, a ghabhail òran, agus le iomadh ceathramh grìsionn, chuir e le ’charaid ionmhuinn seachad a chuid bu mhotha dhe ’n oidhche iùnnraiseach ud, gus mu dheireadh nach seasadh an carcaisean teinnteach an còrr, is thuit an clod-chinn air a bhòrd, ’s an ùine ghearr thuit slaoid air gach taobh fodha, is bha iad gun chlì cùl ri cùl ’s na rodain a cluich ’s a leum thairis orra. Thug solus a chrùisgein duibh aon spàirn as, ’s an sin le nàire dhùin e ’shùil, ’s dh’ fhàgadh iad ’san dorchadas fhreagarrach, ’s bha srann na càraid a stigh ’s an t-sianail a muigh a deanamh oirfeid eagarra a bha freagarrach air cuairteachadh muileann dubh Ghlinn Duibhre. [TD 171] [Vol. 11. No. 22. p. 3] Tillidh sinn a nis agus leanaidh sinn Caiptein Adam, ged a tha ’n t-slighe garbh ’s an oidhche duaichnidh. Mar a chunnaic sinn chaidh e á sealladh mar an dealanach air an each mheanmnach, ’s dh’ aithnich e ’n ùine ghearr gu ’n robh ni-eiginn cearr air, oir, leis a mhirionnach eadar ’fhiaclan, lean e roimhe air a chaothach, ’s cha b’ urrainn a mhaighstir ach a chead a leigeil leis agus greimeachadh gu cruaidh air a ghath-muinge ’s e na leth shìneadh thairis air an diollaid. Cha robh Iain Gilpin no fear eile riamh na leithid de staid, agus faodar a thuigsinn nach b’ ann a beannachadh an òsdair a bha e. Cha do mhair an réis ro fhada; oir a cheart cho ealamh ’sa dh’ fhalbh e ’n tùs na réise, bhual e ’cheithir chasan roimhe, ’s e air chrith na chop falluis, is chaidh a mhaighstir mar am peileir seachad air a chluasan. Bha e àireamh mhionaidean na ’shìneadh far ’n do bhuail e, ’s gun e ro chinnteach co dhiu bha e beò no marbh, ach an ùine ghearr dh’ fhairich e saighead o laimh thun a chridhe, ’s air dha éirigh gu h-éiginneach na ’shuidhe fhuair e ’làmh dheas briste fo ’n ghualainn. Dh’ éirich e na ’sheasamh ’s sheall e mu ’n cuairt, ach cha bu léir dha ni. Chaidh e na bhreislich leis an fhuaim aognaidh a bha ga ’chuairteachadh, mar onfhadh nan tonn le stoirm á moran uaimhean, no mar eas Niagara air a mheadhain oidhche, bha ’n aon fhuaim iùnnraiseach na ’chluasan, ’s gach ball dhe ’chraicionn a bha ris ga fheannadh le neart na stoirm thiugh shneachda, a thug air gluasad mu ’m fannaicheadh e.. Bha Caiptein Adam an droch ghàbhadh gun teagamh air tàille a chuilbheirtean fhéin, ach bu shuarach a staid chorporra seach a staid inntinn ’san àm. Ghuidh e gun teagamh air Dia gus a theasraiginn—mar a ni sheòrsa ’n àm a ghàbhaidh, ged a ni iad tàir air ’Ainm naomh an uair a bhios iad gu clùthmhor na ’n seòmraichean tearainte—ach cha b’ ann le cridhe ceart, oir aig a cheart àm bha e deilbh na ’inntinn an diol a dheanadh e air an òsdair dhubh na ’m faigheadh e as a so gu bràth. Ghluais e air falbh, ach thuit e mu mheall a thachair ris, ’s a cur am mach a laimhe dh’ aithnich e gu ’m b’ e each fhéin a bh’ ann rag-mharbh. Bha ’n sneachd’ a nis air fàs cho domhain ’s gu ’n robh stràic air gach dìg is fròg, ’s bha gach loch agus sruth air an tachdadh leis. Chum an Caiptein a dol, oir bha e ’n tréin a neirt ’s bha ’bheatha milis, agus is mór a dh’ fhuiligeas duine air-son a sàbhaladh. Mu dheireadh an uair a bha e dol mar so iomadh uair, ged nach do rinn e moran astair, shuidh e air creig a leigeil analach, agus o’n a bha luchd trom na ’shùilean, smaointich e gu ’n leigeadh e leotha dùnadh tacan gus a chur seachad. An ceann dheich mionaidean bha ’chreag lom falamh, agus maighstir na bha mu ’n cuairt na ’shìneadh aig a bonn na ’shuain, ’s an stoirm a séideadh ’s ga ’thàladh, ’s an sneachd’ a tuiteam ’s ga ’chuibhrigeadh, ’s an dorchadas tiugh a cur a chleòca dhùbhraidh mu gach ni. Dh’ éirich a ghrian gu h-òirdhearc an ath mhaduinn, ’s ma bha Nàdar na ’suidhe ’cruinneachadh neart mu ’n do thòisich an stoirm, bha i nis na ’cadal gu sèimh, ciùin, cho neo-chiontach ri pàisde bhiodh sgìth a mireag ’sa ghréin, ged is iomadh beatha duine agus ainmhidh a chaidh a dhìth ré na h-oidhche chaidh seachad. Bha sealladh iongantach ri fhaicinn air a mhaduinn so. Cho fad ’s bu léir do ’n t-sùil, stuadh os cionn stuaidh de shneachda, agus gach òganach bu treise na ’chéile le cuaille fada na laimh a deanamh an rathaid gu fàillidh feadh nam beann ’s nan gleann ag iarraidh chaorach; cuid eile ri ’m faicinn a leantuinn tiùrra na mara, no ruith thun a h-uile cnap a chitheadh iad, feuch dé chuireadh am fortan orra ri linn na stoirme. Bha Eóbhain bàn am mach gu math moch air feadh na beinne ag iarraidh da othaisg a bha ga dhìth, ’s a shàbhaladh cuid duine sam bith eile a thachradh ris. Air dha tighinn mu ’n cuairt guala dheas beinn Aoidh, os cionn Ghlinn Duibhre, an déigh cuairtean sgìtheil a chur gun bhuaidh, shuidh e ’s e sgìth air creig ri aghaidh na gréine, ’s thug e làmh air aran is càise a chur Màiri bheag na ’phòcaid an àm falbh. Air dha ’chasan fada ’shìneadh bhuaithe gus pàirt dhe ’n sgìos a leigeil asda, dh’ fhairich e meall bog fo bhàrr a bhròige fo ’n t-sneachda a thug air cromadh sios ag ràdh, “Caora bhochd le cuideigin.” Ach cha bu chaora fhuair e idir an uair a ghlan e ’n sneachd air falbh, ach a dhearg nàmhaid, Caiptein Adam, fuar gun chlì. An ùine ghearr bha e aig an t-sealgair air an lic bhlàth fo shùil na gréine ga ’shuathadh ’s ga chrathadh, ’s an ùine gun a bhi fada chuir e fuil a nàmhaid gu gluasad gu mall na ’chuislibh fuar. Shad e dheth a’ bhreacan, ’s a pasgadh Adam ann, thug e aghaidh, ’s cha b’e sin an sùgradh troimh ’n t-sneachda dhomhain, air a bhaile; oir le òl agus stròdhalachd cha robh ’n Caiptean na ultach aotrom idir. An àm gluasad o’n chreig chual’ Eóbhain bàn donnal air a chùlaobh, ’s a tionndadh chunnaic e ’n cù luirg aig an òsdair dhubh a tarruinn dlùth, is ceann cràsgach a mhaighstir a nochdadh mu ’n cuairt guala na beinne, ach cho luath ’sa chunnaic e ’n sealgair chaidh e á sealladh mar am fùdar. Bha rud an dàn do ’n Chaiptein gu dearbh, leis gach sàbhaladh caol a chaidh air an iomlaid nan ceithir-uaire-fichead a chaidh seachad. Lethach rathaid dhachaidh dh’ fhosgail e ’shùilean, ’s an uair a chunnaic e co bha ga ’ghiulan, thuirt e le feirg, ’s a bhilean air chrith, ris an fhear a shàbhail a bheatha dha, ’s a bha nis gu fannachadh ga ’ghiùlan: “Leig as mi ’sa mhionaid. B’ fhearr leam am bàs fhulang seachd uairean na bhi na d’ chomain-s’ air a son.” Cha do leig an sealgair air gu ’n cual’ e e, ach le braon falluis ga ’chòmhdach ghreas e cheum na b’fhearr. Ach an ùine ghearr chaidh fear a’ Bheallaich gu aimstil, gu sgròbadh ’s gu breabadh ag iarraidh a shaorsa; oir cha robh teagamh aige—’s e leughadh rùin inntinn dhaoin’ eile troimh ’lòchran toitidh, mùgach fhéin—nach robh Eóbhain a dol ga ’chur ris a cheud bhearradh creige a thachradh ris. B’ fheudar do ’n t-sealgair a leigeil as mu dheireadh, agus ghabh e pios air adhart mar gu’m biodh e dol ga ’fhàgail. Ach mu ’n deach e fada chual’ e ’n Caiptein a grìosadh ris tilleadh ’s a thoirt dhachaidh, ’s gu ’n e bhith cho beag iochd is duine leth-mharbh fhàgail a bàsachadh ’s a mhòintich choimhich. So nàdar cuid de dhaoine. Thill Eóbhain bàn, ’s gun ghuth a ràdh thog e leis e, ’s cha do dhealaich e ris gus ’n do dh’ fhàg e e an tigh a Bheallaich na leabaidh sheasgair fhéin. An uair a bha Eóbhain a tionndadh thun an doruis, dh’ iarr an Caiptein air stad tiota, ’s a tionndadh ris an dotair thuirt e ris: “Gheibh thu sporan am pòc’ achlais mo chòta—’s e sin ma tha e far ’n do chuir mis’ e. Bu chòir tri buinn òir a bhi ann, agus bi cho math ’s gu ’n toir thu iad do ’n duin’ òg so, mar dhuais air-son na rinn e air mo shon, gus a chomain a dhìoladh.” “Cum d’ òr agus do sporan na d’ phòcaid,” ars’ Eóbhain le aodann teith; “ma chuir thu innt’ e, tha e ann fhathast. Cha ’n ’eil mise ’g iarraidh duais; cha do smaointich mi riamh na m’ chridhe air a leithid, no gu ’n robh mi ga d’ chuir fo chomain; oir cha do rinn mi air do shon no riut ach rud a dheanainn ris a mhadadh a’s suaraiche ’sa bhaile, ach e thachairt rium ’san aon staid éiginn!” Le so a ràdh thionndaidh an sealgair air a shàil, ’s chuir e aghaidh air a dhachaidh dhìblidh fhéin. (Ri leantuinn.) ORAID AIR DONNACHADH BAN. CHAIDH an oraid a leanas a labhairt aig coinneamh a bh’ aca san Oban an 21 là dhe ’n Mhàrt, a chumail air chuimhne latha breith Dhonnachaidh Bhàin. Bha a’ choinneamh fo sgiath a Chomuinn Ghàidhealaich—meur an Obain—agus bha am Fear-riaghlaidh, Iain Mac-a-Mhaighstir Caimbeul, anns a’ chathair. Labhair an lighiche Coinneach Caimbeul mar a leanas:— Mur robh mi ’n dé ’am Beinn Dòrain, bha mi Di-Sathuirne ’an Gleannurchaidh, agus choisich mi-fhéin agus caraid gu Clach-chuimhneachan Dhonnachadh Bhàin. ’S e h-ann aitreabh ghrinn a’s fhiach a faicinn. Tha i air a togail de chlach chruaidh Abareadhain. Tha mu fhichead troigh de dh’ àirde innte. Cha’n ’eil i idir mi-choltach ’n a cruth ri aitreibh-chuimhneachan Burns ann an Dun-éideann. Tha i suidhichte air cnoc cruinn gorm ri taobh rathad-mòr an righ, eadar Gleann-urchaidh agus Inbhir-Aora. Is maiseach an sealladh a tha ri fhaicinn uaipe de bheanntan, de ghleanntan, de mhonaidhean, de shléibhtean, de aibhnichean ’s de choireachan; arsa am Bàrd fhéin, “O, ’s mìorbhuilteach na beannan iad, Le biolair uaine ’s fìor-uisge, Deoch uasal riomhach cheanalta, Na blàran a tha prìseil. ’S fàsaichean ’tha lìonmhor; O, ’s ait a leig mi dhiom iad, Gu bràth mo mhìle beannachd leò!” ’S e “Creagan nan caorach” a’s ainm do ’n chnoc far am bheil an aitreabh air a togail. Na ’n tigeadh Donnachadh Bàn beò a ris, cha mhath a chòrdadh an t-ainm ris. Ma bha gràin aige air ni sam beò a chaidh a chruthachadh, ’s ann air na caoirich cheann riabhach—na caoirich mhaol. Ann an “Oran nam balgairean” tha e ’g ràdh, “Mo bheannachd aig na balgairean, A chionn a bhi sealg nan caorach. An iad na caoirich cheann-riabhach ’Rinn aimhreit feadh an t-saoghal? Am fearann a chuir fàs oirnn. Is am màl a chuir ’an daoiread? Dh’ fhalbh na gobhair phrìseil, Bu rìgh a dh’ ordaich saor iad.” Tha ochd fichead bliadhna ’s a naoi-deug, an nochd, bho’n a rugadh Donnachadh Bàn Mac-an-t-Saoir ann an Druimliaghart ’an Gleannurchaidh. Cho fada ’s tha fhios agam ’s i so a’ cheud uair a chruinnich àireamh de luchd-dùthcha a thoirt urraim dha ’sa bhi smaointeachadh air, a bhi bruidhinn air agus a bhi seinn a chuid òran. Tha e mar chleachdadh aig na Goill a bhi cumail Oidhche Bhurns agus is fhiach e sin. Cha’n ’eil Gàidheal an so an nochd nach aontaich leam ’nuair a their mi nach robh gaoth mìos dheireannach a’ gheamhraidh a shéid air Rob Burns an oidhche a rugadh e idir cho làidir no idir cho fallain ri fonn na gaoithe ’bha seinn a nuas Gleannurchaidh an oidhche a rugadh Donnachadh Bàn. “’S am faileadh ’Th’ air mullach nam beann arda Chuidich e gu fàs mi, ’S e rinn domh slàint is fallaineachd.” Tha mi ’n dochas an ath-bhliadhna gu ’m bi cha ’n e ’mhain a h-uile Ghàidheal san Oban a’s fhiach an t-ainm, ach na Gaidheil gu léir aig an tigh agus air fògaradh, a’ leantuinn an eisimpleir a tha sinn a’ toirt dhaibh an nochd, agus nach di-chuimhnich iad an t-urram agus an cliu a bhuannaich Donnachadh Bàn d’ ar dùthaich le bàrdachd cho binn, cho glan, agus cho fìrinneach ’s gu feudadh sluagh air thalamh a bhi pròiseil dheth. Mar a thubhairt mi cheana, rugadh Donnach- [TD 172] [Vol. 11. No. 22. p. 4] adh Bàn anns a’ bhliadhna 1724, agus shiubhail e ’sa bhliadhna 1812, ann an Dunéideann. Ràinig e mar sin ceithir fichead bliadhna ’s a h-ochd. Cha deachaidh eachdraidh sam bith a sgriobhadh air ’an Gàidhlig fhathast, agus glé bheag ’am Beurla. Na ’m b’e Gall a bh’ ann bhitheadh leabhraichean mòra reamhra air an sgrìobhadh m’a dhéighinn. Bhiodh e air innseadh dhuinn c’uin a chaidh a bhaisteadh, agus ciamar a chòrd an t-uisge ris; bhiodh fhios againn c’uin a chaidh e bhar na cìche, agus c’uin a thòisich na fiaclan air cur dragh air; bhiodh cinnteas againn c’uin a chuir e a cheud bhrigis air (ged nach do chuir am bàrd againn moran dragh air brigisean riamh), agus ’dé dh’ fhairich e ’nuair a ghabh e a cheud tarruing de ’n phìob-thombaca. Ach cha ’n e Gall a bh’ ann, agus is math nach e; ’s e bh’ ann mac dhuine bhochd—cha bu mhisd e sin—agus cha robh e riamh air taobh-stigh doruis tigh-sgoile. Mar sin cha d’ ionnsaich e leughadh, agus cha b’ fheàird e sin. Abraidh daoine nach robh fòghlum aige; bha fòghlum aige, agus an seòrsa ’tha na ’s duiliche ionnsachadh na am foghlum a tha anns na leabhraichean. B’ iad a mhaighstirean-sgoil na beanntan, na creagan, na h-uillt, na coireachan, ’s gach ni beò a chruthaich Dia a thoirt tlachd is toilinntinn do dhaoine; b’ iad sin a mhaighstirean, agus is math a dh’ éisd e riu. Smuaintichibh tiot air a’ ghille òg a’ siubhal nam beanntan leis fhéin, a shùilean cho fosgailte air dhòigh ’s nach robh nithe falaichte bhuaith, a chridhe agus ’aigne air an lionadh agus a’ lasadh le mìorbhailteachd obair a’ Chruitheir; gach ni beò a’ lionadh ’inntinn le iongantas agus le aoibhneas, gus mu ’dheireadh nach b’ urrainn e cumail air féin na b’ fhaide, ach, mar smeoraich air craoibh, thòisicheadh e air seinn cliù gach ni a bha e faicinn. Cha ’n ’eil forfhais againn air a’ bhàrd a rìs gus a’ bhliadhna 1745, ’nuair a dh’ fhàg e ’dhachaidh ’sna beanntan air an robh e cho eòlach, ’s cho gaolach, agus a thug e airm an Rìgh air; ’s ann mar so ’thainig e mu ’n cuairt:—Bha duine uasal ann an Gleannurchaidh do ’m b’ ainn Mac-an-Fhleisdeir. ’Nuair a fhuair e gairm bho ’n Rìgh a dh’ iarraidh air a bhi togail air gu grad agus a dh’ fhalbh còmhla ris na saighdeirean dearga ’an aghaidh Phrionnsa Tearlach, cha robh blàthas-inntinn aige air an obair idir: tha mi cinnteach gu ’m b’ fheàrr leis a bhi air taobh a’ Phrionnsa. Cha ’n fhac’ e na b’ fheàrr na ’dhol gu Donnachadh Bàn agus iarraidh air falbh ’n a àite, fo ghealltanas gu ’n toireadh e dha mar dhuais, trì cheud marg. Dh’ fhalbh Donnachadh Bàn, agus claidheamh cheannard Chlann-an-Fhleisdeir air a leis: “Claidheamh sinnsireachd a sheanair.” Bha Donnachadh aig Blàr na h-Eaglais-Brice, agus chaidh an ruaig a chur air na saighdearan dearga agus Donnachadh Bàn ’n am measg. ’N a chabhaig thilg e bhuaithe an claidheamh, agus a réir coltas cha b’ fhiach a ghiùlan fada:— “Mòran iaruinn air bheag faobhair, Gu ’m b’e sud aogas a’ chlaidheimh ’S e gu lùbach leumnach bearnach, ’S bha car càm ann anns an amhaich; Dh’ fhàg e mo chruachainnse brùite Bhi g’ a ghiùlan feadh an rathaid, ’S e cho trom ri cabar feàrna, ’S mairg a dh’ fharraideadh an robh rath air.” “An claidheamh dubh nach d’ fhuair a sgùradh, ’S neul an t-sùigh air a leth-taobh.” Tha sinn duilich gu ’n robh am bàrd air an taobh cheàrr an latha sin. Bha e-fhéin duilich cuideachd: “Nuair a chruinnich iad an ceudan ’N là sin air Sliabh na h-eaglais, Bha ratreud air luchd na-Beurla.” Cha ’n ’eil teagamh nach robh e duilich a bhi ’m measg luchd-na-Beurla an latha sin: “Cha d’ fhuair sinn facal commannd A dh’ iarraidh ar naimhdean a sgathadh, Ach comas sgaoileadh feadh an t-saoghal ’S cuid againn gun fhaotainn fhathast.” Aig an àm so cha robh am bàrd ach glé òg, mu bhliadhna thar fhichead. Bho ’n àm so gus a’ bhliadhna 1793, chuir e seachad a’ chuid mhor d’ a bheatha, gus an robh e tri fichead ’s a naodh, ’n a shealgair ’san dùthaich mu chuairt Beinn Dòrain, Coire-cheathaich, agus Buachaill Eite. Cha ’n ’eil fhios agam c’uin a thachair e an thoiseach air Màiri bhàn òg. Rugadh i ’n taobh Màm-charraigh ’an Gleannurchaidh. ’S e baran a bha ’na h-athair; bha i mar sin na b’ fheàrr-dheth ’s an t-saoghal na ’bha Donnachadh Bàn. Fhuair e a cheud sealladh dhi aig bòrd Tigh-osda Dhail-Mhic-Dhiarmaid, faisg air an àite ’sam b’ àbhaist féill na dùthcha ’bhi air a cumail. Ghabh e gaol mòr oirre. Ann am fear dhe na h-òrain a rinn e dhi tha e ’g ràdh:— “Sin ’nuair chuir Cupid an t-ultach ’am bhroilleach De shaighdean corranach caol’ A dhrùidh air mo chnislean, chuir luchd air mo choluinn Leis an do thuit mi ge b’ oil leam, ’s gu’n d’ aom, Dh’ innis mi sgeul do’n té ’rinn m’ acain Nach léigh a chaisgeadh mo ghaoid; ’S e ’léighis gach creuchd, i-féin le ’feartan Theachd réidh ’am ghlacaibh mar shaoil.” Faighibh uile an leabhar agus leughaibh an t-òran dhuibh féin: ’s math a’s fhiach e sin; cha ’n ’eil òran-gaoil ’n ar cànain cho briagh ris. Cò an nighean a b’ urrainn cùl a chur ri leithid sin de shuiridhe, gu h-àraidh ann am pearsa duine cho tapaidh, fearail is eireachdail ri Donnachadh Bàn nan òran? Phòs iad, agus bha aon nighean aca, “Iseabal òg an òr-fhuilt bhuidhe.” ’Nuair a bha Cupid a’ cur nan saighdean caola ’n a chridhe, thubhairt am bàrd mu thimchioll a mhnatha, “Na ’m faighinn an dràst do chàradh daingean ’An àite falaich o’n eug; Ged thigeadh e ’d dhàil, is m’ fhàgail falamh, Cha b’ àill leam bean eil’ ad dhéigh.” Bha i na b’ fheàrr mar a bha i; chaidh iad troimh ’n t-saoghal còmhla is dh’ fhàs iad sean le chéile. Anns a’ bhliadhna 1768 chaidh a chuid òran a chlò-bhualadh air son na ceud uaire, agus thug e turas troimh ’n Ghàidhealtachd a reic a leabhair. Thàinig an dara chlò-bhualadh a mach ’s a’ bhliadhna 1790, agus an treas fear ’s a’ bhliadhna 1804. Bha e mar chleachdadh aige turus a thoirt troimh ’n Ghàidhealtachd mu ’n tigeadh an leabhar a mach, agus a bhi reic an leabhair roimh làimh. Aig deireadh an treas chlò-bhualaidh tha ainmean nan daoine a cheannaich an leabhar ’s a’ bhliadhna 1804; bha mu dheich thar fhichead dhiubh ’s an Oban. Anns a’ bhliadhna 1793, chaidh Réisimeid Bhràghaid-Albainn a thogail. Bha Donnachadh Bàn a nis a fàs sean; bha e aig aois, co-dhiu, anns am bi daoine a’ smaointeachadh air fois is sìth: cha b’e sin dhasan e. Thog e air, agus cha deanadh ni an gnothach ach gu’n toireadh e oidhirp eile air saighdearachd, agus rinn iad ceannard air dusan saighdear dheth. Tha so a dearbhadh dhuinn gu’n robh e eòlach air dreuchd is obair an t-saighdeir, agus nach b’i a’ ghealtaireachd a thug air claidheamh Mhic-an-Fhleisdeir a thilgeadh bhuaith là Blàr na h-Eaglaise-Brice. Anns a’ bhliadhna 1799, chaidh an reisimeid a sgaoileadh, agus bha Donnachadh mu choig-bliadhna-deug agus trì fichead a dh’ aois. An d’ thug e Gleann-urchaidh air? ’S e nach d’ thug. ’S e an ath ni a chluinneas sinn m’ a thimchioll, gu bheil e ’n a shaighdeir ann am Freiceadan Dhuinéideann. Bha e latha a bha sud aig dinneir ’an Dunéideann agus bha mòran a làthair nach tuigeadh a’ Ghàidhlig. Dh’ iarradh air Donnachadh Bàn an t-altachadh a ràdh. ’Nuair a chrom na bodaich Ghallda an cinn, ’s e so a thubhairt e le mòr dhrùdhadh:— “Nach truagh nach robh mise air Buachaill’-Eite Is àird mo shléisnean de shneachd air, ’S h-uile Gall ’an Dunéideann ’am dhéigh ’S iad casruisgte. Amen.” Anns a’ bhliadhna 1802, thug e aon turus eile dhachaidh. Air an naoitheamh latha deug de mhios meadhonach an Fhoghair, sheas e air-son an uair mu dheireadh air Beinn Dòrain. Bha ’shealladh a’ fàillneachadh, ’s a cheum a’ fàs fann, ach bha ’aigne ’s ’inntinn cho soilleir ’s a bha iad riamh. Is briagh ged is cianail an sealladh sud, an seann Bhard toirt a chead deireannach do na beanntan am measg an do chaith e chuid mhòr dhe ’bheatha. An ath latha chuir e mach fuil a chridhe (ma dh’ fhaodas mi a ràdh) anns an dàn mhiorbhailteach sin, “Cead deireannach nam beann.” An ath latha dh’ fhalbh e do Dhunéideann, far an do shiubhail e ’s a’ bhliadhna 1812. Cha ’n ’eil mi dol a radh a’ bheag tuille; chum mi fada gu leòir sibh. Tha sgoileirean Gàidhlig aontaichte nach d’ rugadh bàrd ’s a’ Ghàidhealtachd a rachadh os ceann Dhonnachadh Bhàin; ma bha duine a rachadh faisg air, b’e sin Mac Mhaighstir Alasdair. Fhad ’s a sheasas Beinn Dòrain bithidh iomradh air Donnachadh Bàn agus air na h-òrain a rinn e air a’ bheinn sin agus air Coire-cheathaich. Faighibh an leabhar agus leughaibh a chuid òran, agus mar tha mise, bithidh sibhse toilichte gu ’n do thòisich sibh, agus cha bhi e furasda dhuibh stad.” Chaidh an oidhche chur seachad gu cridheil a seinn òrain a’ bhàird agus ag aithris sgeulachdan Gàidhealach. Litir a Priomh-bhaile Chanada. FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN,—Tha fuachd a gheamhraidh a nis air dhol seachad, ’s ged tha ’n seanfhacal ag radh “nach tig fuachd gu’n tig earrach,” cha robh an t-earrach so aon chud buileach fuar no fada. Thuit moran sneachda ’sa gheamhradh, ’s leis a bheagan reothadh a bha ’san talamh, cha robh an aiteamh ’s blàths na gréine fada ga ’leaghadh. Bha e na ’ni fàbharach nach do dh’ falbh e le tuil mar a thachair uair is uair roimhe so, nuar bhitheadh a mhuinntir tha ’gabhail còmhnuidh an taic na h-aibhne ann am mor-chunnart. Cluinidh sinn rithist glagarsaich ’s gleadhraich nan cuidhlichean air na sràidibh bho mhadainn gu feasgar, ’s am fear a tha déidheil air a chadal maidne bidh e air a dhùsgadh tràth leis na cairtearan bainne nan teann-ruith air a chabhsair. Tha e duilich so a leasachadh, ’s cha ’n eil teagamh nach bi chùis mar so “cho fada ’sa bhitheas bainne aig boin dhubh.” Cha chuir tuasaid dhe’n t-seorsa so dragh air tuathanaich no iasgarean na sgire ged ’s cinnteach gu bheil “a smudan fhein á ceann gach fòid” ’s aobhar no dha aca air-son moch-eirigh. Nach àluinn an samhla tha am bàrd a toirt dhuinn air a mhadainn anns an rann so: “Gur pailt gach flùr a’ fàs gu dlùth Air madainn chùbhraidh Mhàigh ann Gach doire beò le ceòl nan ian Nuair dh’ eireas grian le fàilt ann.” Tha am MAC-TALLA tighinn thugam aon uair san da sheachduin ’s gu dearbh ’s math an airidh e air fàilte chridheil. Cha’n eil e coltach ris na paipeirean mora anns a faigh sinn tomhas math bhreug. “Is fhearr duine bochd ’s e firinneach na duine saoibhir ’s e breugach.” ’Sann mar sin a dh’ eirich do ’n MHAC-TALLA, ged tha e beag tha e fìrinneach. Tha mor speis agam dha na seann òrain bhlasda, binn, tha sibh a cur an clò, ’s dha na litrich- [TD 173] [Vol. 11. No. 22. p. 5] ean pongail tha an dràsda ’sa rithist ann, gu sònraichte litrichean Iain Rothaich, a tha ’toirt cunntais air an t-seann mhuinntir a dh’ fhàg St Anns, beagan bhliadhnadhan mu’n d’ rugadh mi, ach air an cuala mi iomadh iomradh cliùiteach agus treidhireach. Cha ’n eil mi deanamh mi-bhuil de na sean-fhocail a tha mi leubhadh ann bho àm gu àm, ’s tha cruinneachadh math agam dhiu, ged tha chuid nach deach fhathast an clò na’s brioghmhora na tha iad dreachmhor. Tha mi toilichte bhi ’faicinn gu bheil e na’r comas a bhi toirt seachad duaisean air son litrichean Gàidhlig ged tha mi dhe ’n bheachd gur th’ ann bu chòir dha na h-uile fear anns a bheil smior na Gàidhlig ’bhi toirt dhuibhse duais air son na tha sibh a deanadh chum an cànain aosda bhlasda thainig a nuas troimh linntibh thar chunntas a chumal suas. Gun teagamh na ’m bitheadh an luchd-leughaidh dìleas agus duineil bhitheadh an comas sin agaibh. Cha’n eil agamsa air ach mar a thubhairt a chailleach a bha air mhisg, “Is math ma mhaireas.” Cha ’n eil na Gàidheil lionmhor ’sa bhaile so ach am beagan a th’ ann tha iad gle mheasail air a chànain a dh’ fhàg an sinnsir aca mar dhìlib, ’s tha iad uile ’guidhe gu ’n soirbhich gu math le ur paipeir grinn. Cha ’n eil aobhar a bhi ’g innse dhuibh gu bheil an Ard-Phàrlamaid na suidhe aig an àm so ’sa bhaile. Tha na h-Oraidean Cìse ’s Achd an Ath-roinn fhathast rompa, ach le inntinean seòlta cha bhi na nithe so doirbh dhaibh a chur air doigh, gu sonraichte nuair tha an Ard-chomhairliche cho slàn ’s cho froganta ’sa bha e riamh. Is e an t-iongantas a ’s mo chi fear-siubhail ’sa bhaile so na h-easan th’ aig gach ceann dheth, tha ’g uidheamachadh muillnean dheth gach seòrsa, gu inbhe bhig, neo-chosgail dha na sealbhadairean. A bhàrr air so, tha iomadh togalach grinn ann, ’s cha bu chòir dhomh di-chuimhne dheanamh air a bhothan-coille anns na ghabh am Prionnsa, Diùc York, a dhinneia nuar bha e air chuasrt ’san dùthaich. Bidh mi nis a toirt mo litir mi-dhòigheil gu crioch. Cha ’n eil i airidh air duais na deagh chliù, bho ’n tha fios agam gur “iomadh boineid ghorm a th’ air an fhéill,” ach coma co dhùibh, bidh mi “sa chuideachd, mar bha cù luideach a cheaird.” Le mor dhùrachd agus beannachdan, Is mi do charaid, CALUM DUBH. Ottabha, 4mh latha deug de ’n Ghiblean. Aobharan Air-son a bhi Seachnadh an Oil. LE P. MAC GRIOGAIR. “Cha ’n uisge-beath’ ach uisge bàis, An t-uisg’ a’ chràdh mo chridh’ am chom; An t-uisge dh’ fhag mo cheann-sa liath; An t-uisge dh’ fhag na ciadan lom.” —Seann Rann. THA an t-òl a toirt iomad olc ’n a lorg; agus tha iomad aobhar aig daoine airson a sheachnadh gu tur. 1. Tha e cronail do ’n t-slainte agus do ’n inntinn. Cha chaisg deoch laidir patha, agus cha’n ’eil brigh innte mar bhiadh. An aite sin ’s ann a tha i a losgadh a ghoile, agus a cur buaireas ’s an eanachainn. Ma ’s math leat a thuigsinn ciamar a loisgeas deoch laidir an goile, laidh air do dhruim, agus leig le aon bhoinne uisge-bheatha sileadh a’ d’ shùil, agus an sin tuigidh tu. Tha an deoch cho cronail do ’n ghoile ’s a tha i do ’n t-suil. Chuir an Cruithear am fear faire aig an dorus, agus cha’n ann am meadhon an taighe, far nach deanadh e feum. Tha blas sgaiteach, loisgeach alcohol a feuchainn gu soilleir nach biadh no deoch e: ach nuair a ruigeas e ’n goile, tha e staigh, ’s cha ghabh e toirt-amach: agus uime sin tha an goile gun fhaireachduinn. Bho cheann corr is leth-cheud bliadhna, chaidh gill’ òg, d’ am b’ ainm Alecsis Saint Martin, a lot’ ’s a bhroilleach, le urchair sgiorrail, aig Macina, am Michigan. Leighis an lot; ach dh’ fhuirich fosgladh mu choinneamh a ghoile, air dhoigh ’s gu’n gabhadh a thaobh a’s taigh faicinn. Uair air ’n uair, thug Saint Martin car air an òl; agus ’s e thainig a sin gun robh a ghoile air fheargnach a’s air iongarach. Ach cha robh mothachadh aigesan nach robh gach ni mar bu chòir. An aite pathadh a chasgadh, ’s ann a thogas alcohol tart: agus a thaobh beathachadh, cha dean e aon chuid feòil na cnaimh. Bheir e neart a mhain mar a bheir buaireas caothaich neart do dhuine gòrach, no mar a bheir a chuip ’s an spor spionnadh do ’n each. Nuair a dh’ fhalbhas am buaireas, tha e a fagail duine fann, mar a ni buaireas teasaich; agus ma tha duine ’g a ghnàthachadh, tha e a togail galaran no éucailean air bith do ’m bheil duine buailteach. Tha e a sgalldadh, agus uime sin ag anfhannachadh, gach ball do ’m bean e, am feadh ’s a tha an fhuil ’g a’ sgaoileadh air feadh a chuirp gu leir. Tha fiosrachadh shaighdeirean agus sheoladairean, anns gach tìr, a feuchainn gum bheil iad ni ’s cruadalaiche agus ni ’s treise, far nach ’eil iad a faighinn boinne dibhe, na far am bheil i air a dàladh amach ’s an t-seann doigh; agus tha mothachadh a chinne-daoine air fad a dearbhadh gum bheil iadsa nach eil ’g a blas gu mòr ni ’s fad-shaoghalaich na iadsa a tha ’g òl, mar a theirear, an cuimse. Tha daoine aineolach ag òl ri fuachd g’ am blàthachadh, agus ri teas g’ am fionnarachadh, mar gun seideabh i teth a’s fuar. Agus gu dearbh tha i an toiseach a teasachadh, agus a rìs a fuarachadh; ach ’s e ’n truaighe gum bheil am beum teth a marbhadh ri teas, agus am beum fuar ri fuachd. Nuair a sgaoileas alcohol air feadh na fala, tha e a cur teas mi-nadurra air feadh a chuirp; agus ma thig teas sgaiteach bho ’n taobh amach, aig a cheart àm cuiridh iad as do ’n duine. Bha mise am baile-mor New York air ciad mhios an fhaoghair, ’sa bhliadhna 1853. Air latha Sàbaid, mu mheadhon a mhios, dh’ eug ceud pearsa ’s a tri le beum greine. Fhuaras amach gun robh gach aon diu sin ag òl, an deighe an tuarasdail fhaotuinn Di-sathuirne. Bha an latha roimhe sin ni bu teotha na ’n t-Sabaid; ach cha do bhasaich moran an sin leis an teas, on nach robh moran òil air uidh. Air an laimh eile, tha teasach alcohol a fagail duine fann, air dhoigh ’s gum bheil e deas air meileachadh le fuachd; agus tha so tric a tachairt an America mu Thuath, far am bheil geamhradh fuar a leantuinn samhradh teth. Bha Iain, mac do ’n Chuimeineach Mhòr, a dol suas an duthaich, á Kingston, an Canada, latha ro fhuar geamhraidh mar ri Frangach, gach fear ’n a shlaod fhein. Bha am Frangach a gabhail gloine no dha de bhranndi aig gach tigh-osda air an rathad. Thug an Cuimeineach rabhadh dha gun robh sin cunnartach; ach cha do ghabh e feart. Nuair a rainig iad ceann an uidhe, cha do ghluais am Frangach: bha e fuar marbh. Tha an t òl a milleadh fradharc nan sùl agus claisneachd nan cluas, cho math ri lùs nan lamh. Tha am poiteir prab-shuileach a’s maol-chluasach; agus tha a lamh fuar, bog, mar mhìr de mhairt-fheoil amh. Ach ’s e mar a dhrùidheas e air an eanachainn, caithir na beatha, buaidh a ’s miosa air alcohol. Tha duin’ air mhisg as a chiall, agus cha’n ’eil a thùr nadurra a pilltinn gus am falbh an deoch. Agus ma bha e trom oirre, math a dh’ fhaoidte nach pill sin ri latha. Tha iomad neach ’s na taighibh caothaich leis an òl. Tha so a milleadh na meamhaire, agus a toirt air falbh toinisg duine, air dhoigh ’s gum bheil e a fás leanabail, no mar neach an am breisleach na h-aois. Uime sin a leughadair, ma’s math leatsa t’ fhuil a bhi fallain, do shuil a’s do chluas geur, do lamh diongalta, agus do thuigse gun fhàillinn, seachainn an t-òl. Thoir aire, cuideachd, gum bheil an deoch a claonadh a chridhe. Tha i a deanamh duine brùideil, fuar-chridheach. Ma gheobh am pòiteir pailteas dibhe, ’s coma leis ciamar theid leis an t-saoghal gu leir. Chi sinn e gu tric a caitheadh a thuarasdail airson dibhe, agus e gun sgoinn d’ a chloinn lom, acrach. Chunnaic mise, uair a’s uair, an Dun-eideann, sreathan de bhrògaibh cloinne, a chuir am maithrichean an geall airson uisge-beatha. 2. Tha an neach nach oil boinne tearuinnte bho ’n mhisg. Cha’n ’eil neach air bith titheach’ air dibhe gus an cleachd e i: agus mur òil duine boinne, is cinnte nach tig e a chaoidh gu bhi ’n a mhisgeir, no trom air òl. Ach tha moran an duil gum fan iadsan air cuimse, agus nach ’eil cunnart gum bi iadsan air an daoirich fad am beatha. Gidheadh tha gach aon diu sin an cunnart nach beag. Bha gach poiteir air thalamh, ’s a cheart bharail; agus ’s e sin a thug sios e. Nam bitheadh e mi-earbsach, sheachnadh e an deoch; ach on a bha e cinnteach, dh’ òil e; agus uime sin thuit e. Tha fein-speis iomad fear a cagradh ’n a chluais, “Bheir mise deagh aire nach tig mise a chaoidh gu bhi ’m mhisgeir.” Ach co no ciod thusa, thair na milltibh gun aireamh a thug beagan air bheagan gu dubh phoiteireachd? Mur seachainn thu ’n t-òl, math a dh’ fhaoidte gum bi thusa air fear de na mheallar leis an dibhe, bho laithibh Sholamh gus an diugh. Ciod air bith a tha e a creidsinn no a saoilsinn, cha ’n ’eil cinnteachd air bith aig an fhear a dh’ òlas nach tig esan gu bhi ’n a phoiteir, mar a thainig cunntas gun aireamh roimhe. Agus uime sin, a reir an t-seanfhacail, “’S fhearr a bhi cinnteach na bhi caillte.” Osbarr ’s e an t-òl a sheachnadh gu h-iomlan is fhasa, mar is e an doigh is sàbhailte. Mur òil duine boinn’ idir, cha’n ’eil sireadh aige air dibhe, na togradh rithe: ach ma dh’ òileas e beagan, tha sin ro dheas air iotadh a thogail airson tuille. Tha a chiad ghloine mar sin a fosgladh an doruis airson pòit; agus ma sheachnar i sin, cha’n eil cunnart ’s an dara gloine. “Ma gheobh mise aon ghloine,” thuirt duin’ uasal riumsa, bho chean ghoirid, “tha mi ’n sin titheach air te eile.” “Tha thusa, ’s a chuis sin,” fhreagair mise, “coltach ris a chuid mhòr de dhaoine.” Agus chi thusa, a leughadair, gur e sin an fhirinn. Uime sin bi thusa ro fhaicilleach an aghaidh na ciad ghloine. 3. Tha an neach nach oil a toirt deagh eisimpleir do chach. Is treise eisimpleir na earail; agus uime sin is beag brigh do dhuine a bhi comhairleachadh d’a chloinn ’s d’a choimhearsnaich an t-òl a sheachnadh, fhad ’s a tha e fhein ag òl. Bidh a ghniomh ni ’s druidhtiche airson na dibhe na bhios fhacail ’n a h-aghaidh. Osbarr ’s e eisimpleir an duine nach òl ach beagan is fhaide theid na doighean a mhisgeir, a tha na bhall-magaidh aig moran. Agus gu dearbh ’s iad na daoine a dh’ òileas am measarrachd a tha cumail suas na pòit. Tha na misgeirean a triall do ’n t-siorruidheachd le ceumaibh luath; agus cha b’ fhad an uine gus am bitheadh am fear mu dheire dhiu marbh, mur bitheadh an aireamh air a cumail suas bho fheachd nan daoine speisealta nach oil thair tomhas—’s a chiad dol amach. Tha moran diu sin a tighinn gu bhi ’n am poiteiribh iad fhein, agus tha an droch eisimpleir a deanamh misgeirean de mhoran eile, eadhon nuair nach ’eil iad [TD 174] [Vol. 11. No. 22. p. 6] fhein a ruigsinn na crìche sgrathail sin. Agus nach eagallach an smuain gum faod fear dhiu sin a radh, air latha mòr a bhreitheanais, “Rinn t’ eisimpleirse misgear dhiomsa; agus mar sin thug thu mi gu sgrios siorruidh. 4. Tha an t-ol ’n a aobhar air ciont gun aireamh. Tha deoch laidir a cur buaireas fo anamianna dhaoine, am feadh ’sa tha i a toirt an tuigse uapadh: agus uime sin tha iad ro dheas air geilleadh do dhroch run air bith a dh’ eireas ’s a chridhe, nuair a tha ’n deoch ’s a cheann. Tha iad an sin buailteach do chainnt fheargach a thoirt do cheile; agus bho so tha iomad caonag agus sabaid fhuilteach a sruthadh. Cha’n ann ainmig a chluinnear mu dhaoine a mhort am mnathan, an clann, no ’m pàrantan—nuair a bha iad fo chumhachd dibhe, daoine air an cuireadh ni mar sin uamhann, mur bitheadh an deoch. Tha clann mhisgeirean gu tric a dol air seachran bho ’n òige. An aite deagh oilein, tha iad a faighinn droch eisimpleir: agus on nach ’eil am misgear aon chuid déanadach na grunndail, tha iadsan gu tric am bochduinn. Mar so tha iad a tighinn gu braid, agus bho sin gu spuinneadh, a’s corr uair gu mort. 5. Tha an t-ol ’n a aobhar air call moran beatha agus maoin. ’S iomad long a chailleadh, cheann gun robh cuid de ’n luchd dreuchd air an daoirich no ’m breisleach dibhe, an am a chunnairt; agus ’s iomad sgiorradh sgrathail a thachair air na rathaidibh iaruinn, bho ’n cheart aobhar. Tha tuill’ eòrna air a mhilleadh am Breiteann, a deanamh leanna no uisge-beatha na dh’ fhoghnadh airson na tha de shluagh bochd air fad na tìre. Tha moran dhaoine aig nach ’eil ceaird air bith ach a deanamh no a reichdeadh dibhe; agus tha iomad neach a call moran airgid leis na h-euslainntibh a tha ’n t-òl a togail dha. Tha na daoine do ’n d’ rinn an deoch crochairean a cost moran do ’n rioghachd, eadar an glacadh ’s am peanasach, a bharr air na tha iad a goid, a creach agus a milleadh. Tha an call sin an taobh amach de na tha daoine a costadh an ceannach dibhe; agus cha’n e sin am beag. Is aithne dhomhsa fear-ceaird a tha cur mu dha fhichead punnd Sasunnach ’s a bhliadhna ’s an òl. Cha’n ’eil e call latha bho obair, agus is ainmig a chithear air an daoirich e: ach tha a bhean ’s a chlann ’n an eiginn air uairibh. Tha cunntasan luchd na cìse feuchainn gum bheil muinntir Bhreiteann a cosd’ corr a’s ceud muillein punnd Sasunnach ’s a bhliadhna air dibhe, suim nach pàidheadh fearann na Gaidhealtachd air fad. Thoir aire gum bheil sin uile ’g a sgapadh an deanamh croin: agus nuair a sheallas sinn air cor an t-saoghail, chi sinn gum bheil an t-anacaitheadh ro choireach. Tha moran acrach, lomnochd; agus tha ro-mhoran an duibhre aineolais mu ’n t-soisgeil a’s slighe na firinn. Agus nach truagh an ni nach ’eil a Chriostachd gu leir a pàidheadh, chum iad sin a shoillseachadh, leth na suim a tha iad a cur ’s an òl. Bi faicilleach, a leughadair, nach ’eil thusa coireach ’s a chuis so.—An Gaidheal. LITIR A LAG AN T-SLOCAIN. A CHARAID GHASDA,—Is ann mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna a bhios na mnathan, mar a’s trice, gu math trang o mhoch gu dubh a’ glanadh an cuid thaighean o bhun gu barr. Agus gus an cuir iad crioch air an obair sin cha ’n fhaic iad nì fo ’n ghréin ri ’dheanamh ach sin fhéin, a cosnadh iomadach uair diomb nam fear, leis mar a bhios gach nì a tha stigh air a chur troimhe-chèile air tàille an cuid glanaidh. Ach ged a bhios mi-fhìn gu math trang air uaireannan, dh’ fhaodainn a bhith air sgrìob a chur gu MAC-TALLA roimhe so. Thug thu fhéin cuireadh fialaidh seachad ann an àireamh no dha air ais dhe d’ phàipeir gasda, neach sam bith—na mnathan, tha mi cinnteach, cho math ris na fir—a chuireadh an litir a b’ fhearr gu MAC-TALLA eadar sin is deireadh an Ogmhios gu’m faigheadh e an leabhar eireachdail sin, “Caraid nan Gàidheal,” a nasgaidh. B’ e an duais e! Ach bha aon rud ’san tairgse nach do chòrd math sam bith rium fhìn—nach robh na litrichean ri ’bhi na b’ fhaide na ochd ceud facal. Feumaidh nach d’ thug sibh na mnathan fa-near an uair a bha sibh ga ’sgriobhadh sios. Ged nach ’eil mi fhìn ’sa chéird ach air mhàgaran, tha mi gle chinnteach gu ’n aidich na mnathan anns gach cearna gu ’m biodh litir ochd ceud facal tuilleadh is goirid. Ma bhios an litir so, ma ta, na ’s fhaide na sin, tuigidh sibh brìgh an t-seanfhacail: “An toil fhéin do gach duine, ’s an toil uile do na mnathan.” Ged a bhithinn air bliadhna dhe ’n MHAC-TALLA fhaotainn a nasgaidh cha bhiodh barrachd moit orm ’s a bh’ orm an oidhche a leugh mi an litir mu dheireadh a chur “Bodachan a’ ghàraidh” ga d’ ionnsuidh. Gu ma fada slàn, fallain e air cùl a phinn! Agus ma bhios e gu bràth cho beartach—agus tha mi ’guidhe gu ’m bi—’s gu ’n teid aige air tighinn air chuairt do America, tha mi ’n dòchas gu ’n cuir e oidhche seachad ann an Lag an t-Slocain. O chionn leth-cheud bliadhna is còrr, an uair a bha Mr Boyd air stiùir Casket Antigonish, thàinig òran éibhinn am mach anns a’ phaipeir sin ris an canteadh “Oran a mhathain.” Bha am mathan còir, mar is minic a bha, a’ cur as do mhoran dhe ’n spréidh. ’S e fhéin, ma b’ fhior, a thòisich air an òran so. Fhuair mise an rann no dha a leanas o dhuine còir a dh’ ionnsaich e na ’òige as a’ Chasket. Bha barrachd is so aige dhe ’n òran, ach cha robh ceathramh slàn aige ach na dha a leanas:— “Bha sinn ann ceathrar bhràithrean, Ged tha pàirt diubh nach ’eil maireann, B’ ann diubh Clàraidh agus Fearachar— Fhuaireadh marbh iad fo na maidean— Cha’n ’eil sgeul agam air Fionnladh, Mur an deach e ’ghrunnd na mairse; Mise ga ’n rànaich ’s ga’n caoineadh, Bràithean mo ghaol cha tig dhachaidh. FONN. Mor Chalum, horo Chalum; Laidh thusa le Mor Chalum. Horo Chalum. Oidhche dhomh ’s mi shios air chuairt, Mharbh mi ’n gamhainn ruadh air Ailein, Chuir mi ’n damh breac aig Iòseph Ann an linne mhòr ’sa mhairse, Ghoid mi ’m piatan a bh’ aig Mìcheil, ’S e fhéin na ’shìneadh na ’chadal, ’S dh’ ith mi pàirt dhith air mo dhìnneir ’S an t-seann chlìradh a bh’ aig Calum. Ma tha’n t-oran so slàn aig aon dhe d’ leughadairean cha b’ urrainn dha na b’fhearr a dheanamh na ’chur ga d’ ionnsuidh. Tha àireamh dhe na paipeirean-naigheachd an drasda ’s a rithist a’ connsachadh am measg a chéile mu ’n ainm a’s freagarraiche air wireless telegraphy—innleachd an àigh! a chuireas, ma chreidear gach sgeul a tha ri ’innseadh m’a deidhinn, fios a null gu Sasunn mu ’n abradh tu seachd. Chuala mi fear ag ràdh an là roimhe gu ’n do bhristeadh roinn mhor dha na h-uinneagan anns na togalaichean mòra cloiche ann am baile New York, le fios a chuireadh a nall ag innseadh mu ’n stoirm a bh’ aca ann am Breatunn o chionn mios no dha air ais. Ma tha gus nach ’eil so fior ’s ann aig an t-sealbh tha brath. Tha MAC-TALLA air ainm ùr a shniomh as a cheann fhéin air a shon—“cogar-adhair”—ach ma tha an sgeul a chuala mi mu uinneagan New York fìor, cha bu “chogar” ach a leithid! Chuala mi seana bhean chòir ag ràdh le uamhas, ’s i an deigh bicycle fhaicinn a ruith seachad cho luath ris a ghaoith, an uair a bha ’n t-inneal siubhlach sin cho annasach ’san duthaich so: “A Mhoire Mhìcheil! seall am braman-sgiathach!” Cha chuala mi riamh ciod an seòrsa beothach a bh’ anns a bhraman-sgiathach. Cia mar a fhreagradh an t-ainm so air an innleachd a dhealbh am Feadailteach? Tha iomadh fear is té san Lag, agus tha mi cinnteach ann an iomadh àite a bharrachd air, a gearain le droch cnatan. ’S iomadh tinneas ùr a tha am measg sluaigh na dùthcha nach robh ann ri m’ cheud chuimhne-sa. Bha duine còir ag ràdh rium fhìn an là roimhe gur ann a bhios leom air daoin’ oga an la ’n diugh ma bhios cnead orra, leis na h-ainmean fasanta a bhios aca air an tinneas; agus cha ’n ’eil fhios agam an robh e fada cearr. Ach tha ’n t-àm agam stad. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Is i a chearc is lugha ubh is mò gogail.” Leis a h-uile deagh dhùrachd, Is mi do bhana-charaid PEIGIDH PHABACH. Lag an t-Slocain. Naidheachd Da-rireadh. Bha ’m bòdach dearg ag innse naidheachan, a mhor chuid dhiu mu dheidhinn fein. “Ghabh mi an t-eagal bu mhò a ghabh mi riamh coig bliadhna gheamhraidh so ’s mi air chuairt ann an Ruisia. Aon oidhche bha mi muigh le eich is sleighe mu dheich mile o m’ cheann-uidhe, nuair a chunnaic mi ni a chuir crith air m’ fheòil, treud mhadaidh-allaidh ga m’ ruith. Chùnntais mi iad, ’s bha tri deug ann dhiu. Loisg mi gun uiread ’s an gunna chur ri mo shùil ’s gu fortanach mharbh mi fear dhiu. Cha bu luaithe thuit esan na bha càch air a mhuin ga ’ithe. Thug sin cothrom dhomh air na h-eich a ghreasad, ’s nuair thainig na madaidh-allaidh suas rium a rithist, mharbh mi fear eile dhiu. Rinn càch an cleas ceudn’ airsan, agus lean mise air an tanachadh mar sin gach turas a thigeadh iad suas rinn. Mu dheireadh cha robh air fhàgail ach aon fhear dhiu, ach thug e as mo dheigh ’s a shùilean a’ lasadh mar gu’m biodh e deanamh toileachaidh ris an fhéisd a bha feitheamh air.” Aig a so thòisich an duine bha taobh thall an teine ri gàireachdaich. “A dhuine chridhe,” ars’ esan, “nach b’e ’m madadh-allaidh sin fhein am beathach foghainteach. A reir do sgeoil-sa bha na dha dheug eile na bhroinn.” “Ma ta,” ars am bodach dearg, “o’n thug thu fhein iomradh air, tha cuimhn’ agam gu robh e coimhead gu math tomadach.” An t-Earrach. Bidh feartan nàduir a nis a’ dùsgadh gu beatha agus a’ cur a mach an gnè ann am fàis dhìomhair lìonmhor na talmhainn. Aig an àm so do’n bhliadhna bidh atharrachadh a’ tighinn air an duine féin; bidh iadsan a tha a’ crìonadh a’ call a’ bheagain neirt a tha aca; ach bidh iadsan aig am bheil tuil na beatha a’ ruith gu làidir ’nan cuislean a’ faotainn ùrachaidh is spionnaidh. Ann an ùine gheàrr bidh aghaidh nàduir air a sgeudachadh le àillidheach nach urrainn a bhi air a cur an céill le peann no le teanga. Chìthear còmhdach sgéimh is maise air gleann ’s air beinn, le dathan bòidheach dìomhair a’ deanamh mire ri càch a chéile air faiche ’s air doire. Chì sùil a’ bhàird a steach gu gnè nan nithean so; agus gu tric cluinnear sgeul ’na òran air na chunnaic agus air na thuig e ’san t-sealladh. Bha cuid do na bàird Ghàidhealach a sheinn gu grinn gleusda mu thoraidhean maiseach iongantach na talmhainn mar a chìthear ann an òrain Mac Mhaighstir Alastair, Dhonnachaidh Bhàin, agus ann an laoidhean Dhùghaill Buchanain. Tha a’ bhàrdachd a’ faotainn co-chòrdadh dlùth eadar buadhan an anma a steach agus feartan nàduir o ’n taobh a mach. Ged a tha am mios so fuar is stoirmeil, air an làimh eile tha blàths a’ sgaoileadh neart a ghathan troimh chom torach na talmhainn. [TD 175] [Vol. 11. No. 22. p. 7] MUILE NAM MOR-BHEANN. LE DONNACHADH MAC-A-LEITH. LUINNEAG. Bhon tha mi gun sunnd, ’s is dùth dhomh mulad, Cha tog mi mo shùil ri sùgradh tuilleadh, Cha déid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag, ’S mo rùn am Muile nam mòr-bheann. Am Muile nan craobh tha mhaighdean bhanail Da ’n dug mi mo ghaol ’s mi faoin am bharail; ’S ma chaidh e fo sgaoil ’s nach faod mi ’faighinn, Gun taobh mi caileagan Chòmhail. Tha mais’ agus uaisle, suairceas, ’s ceanal A dìreadh a suas an gruaidh mo leannain. Ma bheir thu dhomh fuath, ’s nach buan do ghealladh, Ni uaigh is anart mo chòmhdach. Do shlios mar an fhaoileann taobh na mara, Do ghruaidh mar an caorann sgaoilt’ air meangain; Sùil ghorm a’s glan aoidh fo chaoin-rosg tana.— ’S tu ’n òigh a mhealladh gach òigear. Do chùl mar an lion na ’mhìle camag Nach greannaich fo chìr is siod ga cheangal, Do dheud mar na dìsnean, dionach, daingeann, Beul binn a ghabhail nan òran. Tha maise no dha ri ’n àireamh fhathast Air bean a chuil bhàin ’s nam blàth-shùl meallach. Ma bheir thu do làmh, gum fàs mi fallain, ’S bu shlàinte mhaireann do phòg dhomh. Gur math thig an gùn o ’n bhùth do ’n ainnir, ’S an fhasan a’s ùire ’n cùirt nan Gallaibh; Troigh ghlan am bròig ùir ’s i dùint le barr-iall, Nach lùb air faiche bàrr feòirnein. Tha smaointinn no dhà an tràth s’ air m’ aire; Cha ’n innis mi ’chàch ceann-fàth mo ghalair; Ged laigheas mi tràth cha tàmh dhomh cadal, ’S do ghràdh gam sgaradh an còmhnuidh. ’S e bhagair mo chiall ro mhiad do cheanail, ’S o’n chaidh thu do ’n t-sliabh nach b’ fhiach leat m’ fharaid; ’S e t’ aogas is t’ fhiamh ’chuir pian am charaibh, ’S cha mhiann a bh’ agam air stòras. CUMHA CHRUACHAIN. LE PADRUIG MAC-AN-T-SAOIR. Tha ’n Cruachan gu dubhach, A cumhadh nan uaislean; ’S tiamhaidh torman a shruthan; A choilltean th’ air dubhadh, Agus ’eunlaidh fo phuthar An dubhar a bhruachan! Ann am Prìoraid Aird-chatain Tha ’mhaca na ’n suainich, Fo stéigh nan mùr liatha, D’ an éideadh an iath-shlat, Is cuiseagan cianail ’Sileadh dhiar air an uaighean. Có ’dhìreas á Làirig De na b’ àbhaist a chuartach? Tha Gleann-nodha gun àiteach, ’S an Leitir na ’fàsach, ’S am fàrdaichean blàtha Na ’n càrnaichibh fuara. Cha ’n fheil pìop air na Casain, No bratach a gluasad; Agus Caol-churn nan glas-stuadh Ag aomadh ’s a brachadh, ’S a dhaoin’ anns a chlachan Fo ghlais nan clach fuara. O ’n ghiorraich air m’ anail, ’S a dh’ fhannaich mo ghluasad, ’S nach dìrich mi ’n Coire, Thoirt féidh as a’ mhonadh, Mo shoraidh, ceud soraidh, O, soraidh le Cruachan! Rugadh Padruig Mac-an-t-Saoir faisg air Loch Liobhann ’sa bhliadhna 1785. Bha e na ofaigeach air luing chogaidh. Chaochail e sa bhliadhna 1855. AISLING NA SUAINE. LEIS AN URR. DONNACHADH MAC-CALUIM. Is faoin aisling shiubhlach na suain’, Is faoin neo-bhuan gach uile ni. Tuitidh an gaisgeach treun na threis, Is àillteachd gach crutha gu ’n crìon. Mar a shruthas blàth mhaoth na coill’, Mar thig neul doilleir air a ghréin, Is amhuil sin beatha nam beò.— Cha choigil ’s cha chaomhain sinn seud. Rugadh an t-Urr. Donnachadh Mac-Caluim an Còmhall ’sa bhliadhna 1784. Phòs e Catriona Nic-Fhearghuis, nighean nach robh ach sia bliadhna deug de dh-aois, an 1808. Bha e na ’mhaighstir-sgoile an Glasraidh ré beagan bhliadhnachan. Rinneadh ministear dheth is shuidhicheadh an Arasaig e an 1818. Chuir e am mach co-chruinneachadh de dh-orain an 1821, agus Eachdraidh na h-Eaglaise an Gaidhlig an 1845. Chaochail e an Arasaig air an naoidheamh latha fichead de cheud miosa na bliadhna an 1863. Dh’ fhàg e teaghlach mor. Is e a b’ ùghdar do Chollath, dàn a chuir e-fein am mach na ’cho-chruinneachadh agus a chuireadh a rithisd am mach an Sar-Obair nam Bàrd. SOLUS A’ DEALRADH MACH A DORCHADAS. An doighibh diomhair gluaisidh Dia, Thoirt ’iongantais mu ’n cuairt; Mar charbad dha tha ’n doinionn dhian, ’S tha lorg a’ chois’ ’s a’ chuan. An doimhneachdan do ghliocas sìor Tha ’rùintean taisgte suas; Is cuirear leis a thoil an gnìomh, Mar ’s miann leis féin gach uair. Ur-mhisneach glacaibh, naoimh gun treoir, Na neoil a’s duirch’ tha làn Do throcair chaoimh, is doirtear leo Oirbh maitheas mor gun dàil. Na measaibh Dia tre shealladh mhàin, ’N a ghràs cuiribh ’ur dùil; Air cùl an fhreasdail dhuirch tha gràdh A’ lasadh ghnàth ’n a ghnùis. A rùintean abaichidh gu luath, ’S iad fosgladh suas gun tàmh; ’S ged robh a’ ghucag searbh ’s an uair, Bidh mills’ is buaidh ’s a’ bhlath. As-creidimh dall théid clì ’s gach ceum, Gnìomh Dhé a chaoidh cha sgrùd; ’S e Dia ’s fear-mìneachaidh dha feìn, ’S ni soilleir réidh gach cùis. CLARSACH AN DOIRE—Is còir dhaibh-san a tha air-son an leabhar luachmhor so a chosnadh dol a dh’ obair. Cha mhair an tairgse thug sinn seachad ach fhad ’sa mhaireas na th’ againn de na leabhraichean air làimh. A’ “Chlàrsach” a nasgaidh do neach sam bith a gheibh triùir luchd-gabhail ùra. Chaidh e eadar thu ’s do chraicionn. Chaidh na mucan troimh an tigh-comhairle. Cha ’n eil ann ach gaoil an fhithich air a chnàmh. Chì do shùil e ’s cha bhlais do bheul e. Ami Mhoraidh. Tha a bhan-òranaiche so a choisinn Duais air-son seinn aig a’ Mhòd Ghàidhealach ri cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach am miosan Màigh is Iun. Tha i toileach còrdadh a dheanamh air-son concerts a chumail an caochladh àiteachan, agus gheibhear gach fiosrachadh a thaobh nan amannan ’s nan cumhachan le sgriobhadh uice mar a leanas:— MISS AMY MURRAY, 20 West 28th Street, New York, N. Y. Di-haoine s’a chaidh bha spraidheadh ann am méinn an Reserve leis an deachaidh ceathrar dhaoine mharbhadh, ’s fear eile leonadh cho dona ’s gu’n do chaochail e meadhon na seachduin so. Bhuineadh ceathrar dhe’n choignear sin do Newfoundland, agus am fear eile, Michael S. Mac-Néill, do’n Phon Mhor air an eilein so. Dh’ fhàg esan bean is ceathrar chloinne. Bha fear de chàch posda cuideachd, agus dh’ fhàg e teaghlach ann an Newfoundland. Bha an spraidheadh air aobharachadh le gas a bhi anns a chuid sin de’n mhèinn, agus bha an jury a’ coireachadh ofigich na mèinne air-son daoine leigeadh a dh’ obair ann gun an gas a ghlanadh air falbh. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. . EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 176] [Vol. 11. No. 22. p. 8] AN GAIDHEAL An tìr chéin air oidhche Challuinn. LEIS AN URR. TORMAID MAC-LEOID, D. D. Is tiamhaidh, trom, mo chridhe ’n nochd, Is mi am aon’ran bochd leam féin; Cha’n iarr mi tàmh, cha’n fhaigh mi lochd, Is mi fo sprochd an dùthaich chéin. Is iomadh cuimhne thùrsach, throm, Dhomh dùsgadh fonn a bhròin gu goirt; ’S e thog an osna so am chom, Nach h-fheil mi ’n tir nam beann an nochd. Tha tir nam beann mar bha i riamh— Gach gleann, is sliabh, is creag nam faobh, An creachann àrd ’s am bi am fiadh, ’S an leacann liath tha sios o ’thaobh. Tha fòs gach allt a’ leum le toirm, Bho chreig gu creig a sios gu tràigh; Tha bàrr an fhraoich le ’bhadain ghorm’ Gu trom ’s gu dosrach mar a bha. Ach c’ait’ a bheil na cairdean graidh, D’ an dug mi baigh an laithean m’ òig’? ’S e fath mo mhulaid is mo chraidh A mheud ’s a tha dhiubh nochd fo ’n fhòid. An t-athair thog mi suas ri ’thaobh ’S mo mhathair chaomh cha’n fheil iad ann; Is dh’ fhalbh mo cho-aoisean gu léir Mar cheo roimh ’n ghréin air uchd nam beann. O slàn le comunn caomh mo ghaoil, A chuireadh faoilt am chridhe bochd! Mo chreach cha’n fheil iad air an t-saogh’l A dheanadh aobhach mis’ an nochd. Ach tha iad beo an dùthaich chéin, Tir ard na gréin’, gun oidhch’ a chaoidh, Is coinnichidh sinn ri ùin’ a chéil’, Gun sùil fo dheur, gun chridh a caoidh. Tha àl a falbh is àl a teachd, Mar shlachdraich mhear nan tonn air tràigh; Ar bliadhnaichean, tha iad gu léir Mar bhruadar faoin, no sgeul gun sta. Ach gloir do Shlan’ghear caomh nam buadh, A thug a nuas o thìr an aigh Deagh sgeul an aoibhnis mhoir do ’n t-sluagh, Air beatha bhuan nach mìll am bas. Choisinn e bheatha so gu daor, An uair a thaom gu lar as ’fhuil; Ach O! cia grasmhor, fialaidh saor, Do ’n chinne-dhaonn’ a h-agh ’s a buil! C’ar son a bhithinn brònach, bochd, A’ caoidh fo sprochd an so leam féin? Do shùil, a Dhé, tha orms’ an nochd, Fo dheòrachd bhochd an dùthaich chéin. Cha bhi mi ’caoidh, cha doir mi géill; Fo thaic do sgéith gun iarr mi tàmh; Do thoil-sa deanar leam, a Dhé, Ga m’ striochdadh féin a chaoidh fo d’ làimh. Jan., 1830. Rugadh an t-Urramach Tormaid MacLeoid—Tormaid a Chuairteir—’sa Mhorairne an 1793. Chaochail e an Glaschu an 1862. AN TE BHEAG. LE DONNACHADH NAM BLAR. LUINNEAG. Cha ghabh mi ’n té shrideagach, shradagach ruadh, A chumas an conas ’s am mallachd a suas; Cha bhitheadh i agam, ’s ann chumainn i bhuam; B’e ’n turus gun bhuaidh a pòsadh. Ma phòsas mi cha ghabh mi té mhór, Cha phòs, cha taobh, ’s cha ghabh mi té mhór, Ma phòsas mi idir cha ghabh mi té mhór; ’S ro bheag an té dh’ fhóghnas dhomhsa. Cha ghabh mi té mhór ’s cha ghabh mi té àrd, B’ fhearr leam té bheag a bhiodh faisg air an làr, Cha ruiginn a leas a dhol fad air a sgàth, Cur uisge na sàil am bhrògan. Mo cheist air an ainnir is meallaiche sùil, Do shlios mar an eala, gur math thig dhuit gùn Gruaidh dhearg is rosg thana, ’s glan sealladh do shùl Gum mealladh tu diùc le d’ bhòidhchid. Do ghruaidh mar na ròsan cho bòidheach ’s cho mìn, Do chuailein cho clannach ga ’charadh le cìr, Cha’n fhàg mi thu idir air son bhith gun ni, Gum faigh sinn a chaoidh na dh’ fhoghnas. Dh’ fhalbh mi le cabhaig gu banais do ’n chùirt, Ri oidhche gun ghealach, ’s bu mhath dhomh mo thùr. Cha bhithinn ri gearan ged chosdainn na crùin, Nan tachradh mo rùn ’sa chòdhail. Bha càch anns an t-sabhull ri ceangal nam bann, Bha mis’ aig an teine gun duin’ ach a chlann; ’N àm pàigheadh a bhuideil cha robh mi air chall, Ged dh’ òl iad an dram gun m’ fheòrich. Bu mhac Donnachadh Mac-a-Léith do Dhòmhnall Mac-a-Léith agus do dh-Oighrig Chaimbeul, bean Dhòmhnaill. Rugadh e an Locha-Buidhe am Muile ’sa bhliadhna 1785. Bha e a fuireach an da no tri de dh-àiteachan ris an abairteadh am Blàr. Thugadh mar sin Donnachadh nam Blàr mar ainm air. Bha e pòsda, agus bha siathnar chloinne aige; Iain, Daibhidh, Sìne, Catriona, Mairi agus Mairearad. Chaochail e an 1863. BLAR CHUIL-FHODAIR. LEIS AN URR. TORMAID MAC-LEOID, D. D. Tha ’m blar air a chur leo air monadh an fhraoich, Tha ’n sgiath air a spionadh a ghuaillibh nan laoch; Chaidh ’n claidheabh a bhrisdeadh an lamhaibh nan saoi, ’S tha fuil nam fear geala fo bhonnaibh nan daoi. Tha ’m breacan ’s an t-éileadh leis an d’ éiteadh na sàir Le marcaichibh Shasuinn air an saltairt ri làr; Tha ’n suaicheantas uasal a chòmhdaich na suinn, Ri fhaicinn ’san àraich, gun àilleachd, gun loinn. Ann an dùthaich nam mor bheann tha uamhas is caoidh; Luchd nam boineid ’s nam breacan cha ’n fhaicear a chaoidh, Na fiùrain bu tréine nach géilleadh ’s iad beò Tha sìnt’ air Cuil-fhodair gun phlosg is gun deò. Nis slàn leat, a Thearlaich, chaidh ’n iomairt le càch, Chaidh oighreachd do shìnnsre a dhìth ort gu bràth. Thug thu ’n oidheirp, ’s bu treun i, le gaisgich mo ghràidh, ’S bidh iomradh do chruadail air a luaidh gu la bhràth. February, 1830. Ciod air bith is miann leat a leantuinn anns an t-saoghal, cha teid a’ chùis leat ach a mhàin le dìchioll cruaidh. Buainich gu foighidneach gus am bi an inntinn ’na làn uidheam, agus gus am bi an cridhe air a cho-dhaingneachadh ann an creideamh agus gràdh. Na biodh uaill na d’ chridhe gu ’n d’ rinn thu ni sam bith a ta gu sònraichte glic, oir faodaidh cùisean a nochdadh an déigh so gu ’m bi an ni sin gu sònraichte amaideach. Na deanadh duine sam bith uaill as a dheanadas féin. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. o., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton [TD 177] [Vol. 11. No. 23. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 15, 1903. No. 23. Is iongantach an t-airgiod a thatar gach bliadhna a’ cur anns an òl. Mar eisimpleir faodar iomradh a thoirt air a’ Ghearmailt. Cha’n eil an dùthaich sin na’s miosa thaobh misge na iomadh dùthaich eile. Is dùthaich shaighdearan a’ Ghearmailt. Tha aig gach duine ri àireamh bhliadhnachan a chur seachad anns an arm, agus cluinnear gu tric a bhi gearain air cho cosdail ’s a tha ’n t-arm do’n dùthaich. Ach tha ’n sluagh gach bliadhna a’ cosg a choig uiread anns an òl ’s a tha iad a’ pàidheadh air-son cumail suas an airm. Tha litir “Bhodachan a’ Ghàraidh” a toirt iomradh air seòrsa Gàidheal a tha anabarrach cumanta. Tha iad ri ’m faotainn thall ’s a bhos—iadsan aig am bheil gràdh mor do’n Ghàilig fhad ’s nach cosd i dad. Is aithne dhuinn aon diù so, a dh’ fhàilticheas sinn ’sa Ghàilig gach uair a thachras e oirnn, a labhras i an àm ’s an-àm, agus a bheireadh air neach bu ghainne eòlas air na sinn fein a chreidsinn gur Gàidheal da-rìreadh e anns nach eil cealg. Ach cha rachamaid an urras air an uasal cheudna gu’n do cheannaich e leth-dusan de leabhraichean Gàilig riamh o rugadh e: tha dearbh fhios againn nach eil e ’gabhail MHIC-TALLA. Is taitneach an ni duine bhi gu follaiseach ag aideachadh ’s a cur an géill a ghràidh do chainnt a dhùthcha. Ach bu ro-thaitniche an gràdh sin na ’n robh cinnt gu robh e dol na b’ fhaide stigh na bàrr na teanga. Tha gluasad am measg sluaigh na dùthcha so an dràsda a thaobh cumail na Sàbaid. Tha an t-Sàbaid air a bristeadh na’r measg mar nach robh i riamh roimhe, obraichean a dol air adhart o mhoch gu dubh, agus cùisean ag amharc mar gu’m bitheamaid a’ feuchainn ri dhichuimhneachadh gu’n robh latha fois ann idir. Tha an sluagh a nise air tighinn gu bhi mothachadh, mur eil iad air-son cur as do’n t-Sàbaid gu buileach, gur còir feuchainn ri ’dion. Tha e ro-thaitneach fhaicinn gu bheil aonachd mhor am measg an t-sluaigh mu’n chùis. Tha gach eaglais is pears’-eaglais, an luchd-obrach agus riaghladh na dùthcha ag obair air-son cumail na Sàbaid. Tha iad a’ tuigsinn nach eil a dhol as aig dùthaich a ni dimeas air a latha-fois; cho luath ’s a thòisicheas i ri dearmad a dheanamh air gu’n tòisich i ri dhol leis a’ bhruthaich. Agus o nach eil toil aca Canada fhaicinn a’ dol air an t-slighe sin, tha iad a’ cur an guaillibh ri chéile ’san oidhirp air-son la na Sàbaid a chumail mar latha fois do na h-uile. Riamh o’n thòisich an obair iaruinn ann an Sidni bha tomhas gun rian de dh’ obair ga deanamh air an t-Sàbaid. Cha b’ aon chuid obair éigin no tròcair da thrian de na bhatar a deanamh, ach chuir a’ chuideachd gach iarrtus is tagradh a chaidh f’ an comhair d’ a thaobh an suarachas. Ged gheall àrd ofigich na cuideachd uair is uair gu’m biodh obair na Sàbaid air a lughdachadh, cha deachaidh na geallaidhean sin a choilionadh, agus air a bhliadhna so, tha barrachd ga ’dheanamh air an t-Sàbaid ’sa bhatar a’ deanamh bliadhnachan roimhe. Cha’n eil iad a cumail a mach idir gu bheil na tha iad a’ deanamh na h-obair a dh’ fheumar a dheanamh. Tha iad ga ’cur air adhart air sgàth probhaid, agus anns an dòigh sin tha iad ag aideachadh gu bheil iad a’ leantuinn a reir riaghailt nan obraichean-iarainn anns na Stàidean. Cuiridh an dùthaich so feum air òr is airgiod air-son obraichean a chur suas innte agus a saibhreas nàdarra a thoirt gu buil cheart. Agus tha earras ri sheachnadh ann an dùthchannan eile a bhitheamaid gle dheònach fhaicinn ag obrachadh na ’r dùthaich fein. Ach thoireamaid ar ceart aire nach ceannaichear an t-earras sin ro dhaor. Na toireamaid na sochairean ’s na beannachdan a bha sinn roimhe so a mealtuinn seachad an iomlaid airson òir is airgid. Thainig moran de’n airgiod a chuir air chois an obair-iaruinn ann an Sidni as na Stàidean, agus tha ’n àireamh a’s mò dhiùsan aig am bheil ruith na h-obrach na’n lamhan a mhuinntir na dùthcha sin. Tha iad sin cho cleachdte ri obair Sàbaid ’s a tha iad ri obair seachduin, agus tha iad a reir gach coltais a’ cur rompa gu’n toir iad air muinntir na dùthcha so imeachd cho fada bho’n àithne ’s a tha iad fein. Is còir dhuinn a leigeil fhaicinn nach eil na ’r beachd sin a dheanamh. Leanamaid gu dlùth ri deagh chliù ar sinnsir a thaobh na Sàbaid, agus cumamaid luchd nan obraichean mora ris an riaghailt cho math ruinn fein. Chaill Canada air an earrach so dithis dhaoine fiachail, a bha na ’n deagh sheirbhisich dhi, agus air am bi cuimhne fad iomadh bliadhna ri tighinn. Chaochail Sir Oliver Mowat air a mhios a dh’ fhalbh, na ’sheann aois agus fo fhior chliu aig na h-uile. Bha e na fhear-stàite dluth air leth-cheud bliadhna, agus gle fhaisg air leth na n-uine sin bha e na phriomh mhinisteir air riaghladh Ontario. Bha e na Mhinisteir Ceartais ’san Ard-phàrlamaid beagan a bharrachd air bliadhna, agus bho 1897 bha e na Riaghladair air Ontario, dreuchd agus urram bu mhath a choisinn e. Rinn e obair mhor ann an Ontario a thaobh nan cuirtean, a’ toirt air falbh nan duilgheadasan a bha roimhe sin a’ cuairteachadh cuisean lagha. Bha e na dhuine grunndail, tapaidh, a bha daonnan seasmhach ris a chòir ’s ris a cheartas, agus leis na buaidhean sin choisinn e dha fein àit urramach ann am barail a cho-luchd-duthcha. B’ e an duin’ eile air am bheil sinn a’ toirt iomraidh an t-Onarach Daibhidh Mills, a chaochail ann an Ottawa oidhche Di-haoine s’a chaidh. Bha e tri fichead is da bhliadhn’ deug a dh’ aois, ach bha e ’n deagh shlàinte gu feasgar an latha sin fein, agus cha robh tinneas sam bith air gu ùine bhig roimh bhàs. Bha an duine so an dlùth cheangal ri cùisean riaghlaidh na dùthcha o chionn còrr is deich bliadhna fichead. Bha e na bhall de Thigh nan Cumantach bho 1867 gu 1896, agus de’n t-Seanadh bho 1896 gus an d’ rinneadh britheamh an àrd-chùirt Chanada dhe. Bha e na fhear-lagha ainmeil o chionn moran bhliadhnachan, agus ann an eòlas air lagh riaghlaidh na dùthcha cha robh a sheise ri fhaotainn. Bha e na dhuine geur-thuigseach, pongail, agus gu tric ghabhte a bharail a roghainn air barail fir sam bith eile ’sa phàrlamaid. Tha iadsan a bha eòlach air ag radh nach d’ rinn e aig àm sam bith dearmad air dleasanas, agus nach do chuireadh as a leth riamh gu robh e ’cosnadh taghaidh no dreuchd dha fein air dòigh mi-iomchuidh. Is mor a dh’ ionndrainear duine dhe’n t-seòrsa sin air an latha ’n diugh. Bitheamaid an dòchas gu’n d’ fhàg e moran dhe leithidean na dheigh, agus gu bheil moran eile dhiu a fàs suas na’r measg. Co a ghearaineadh air an t-sìde tha againn an Ceap Breatunn air an t-seachduin so? Seachduin gus an diugh bhiodh gach neach a chluinneadh tu bruidhinn mu’n t-side,—agus b’e sin gach neach a thachradh ort,—a talach oirre. An deigh mios de shìde cho caochlaideach ’s cho ao-coltach ri sìd’ earraich ’s a chunnacas o chionn fhada, bha roinn mhor dhe ’n t-sluagh ullamh gus aontachadh leis an ròlaistiche theireadh gu ’m b’ ann an Ceap Breatunn a bha ’n t-sìde bu mhiosa bh’ air an t-saoghal. Ach an diugh an deigh coig no sia làithean de shìde bhriagha, bhlàth, ghrianach, thioram, cha’n fhaigheadh am fear sin éisdeachd; tha sinn uile dhe’n bharail gu bheil Ceap Breatunn fad air thoiseach air cearnan eile dhe’n t-saoghal a thaobh sìde, agus cha chluinnear a’ gearain no a’ talach sinn tuilleadh—gus an tig caochladh eile. Tha samhradh is foghar na dùthcha so na ’n aimsir ciatach, agus cha’n eil de choire orra ach an giorrad. Ach tha an giorrad, ann an dòigh eile, ga ’m fàgail na’s rò-thaitniche. Na ’m maireadh an t-sìde bhriagha fad na bliadhna, cha bhiodh diù sam bith dhi. Tha ceistean cudthromach fa chomhair nan Stàidean air an latha ’n diugh. Ach tha aon cheist a’ toirt bàrr orr’ uile—ciod a tha ’dol a thachairt a thaobh gach seòrsa sluaigh a tha ’n taobh a stigh de ’criochan? Am bi iad air an aonadh mar aon sluagh, no am mair iad air leth agus an tòisich iad air stri ri càch a cheile? Bha an cogadh siobhalta a bh’ anns an dùthaich sin air aobharachadh le caochladh bharailean a bhi aig na daoine geala thaobh còirichean nan daoine dubha. Tha an ceart ni ag aobharachadh moran aimhreit is ana-ceartais anns na Stàidean a deas riamh uaithe sin, agus tha e doirbh a radh co-dhù ’s ann na’s fhearr no na’s miosa tha cuisean a’ dol. Ach re nam fichead bliadhna mu dheireadh tha atharrachadh mor air tighinn air an duthaich leis na muillionan sluaigh a dhòirt a stigh as gach cearna dhe’n Roinn-Eòrpa, agus leis an àireamh mhor a chaidh a ghabhail a [TD 178] [Vol. 11. No. 23. p. 2] stigh le ceannach nan Eileinean Philipeach. Tha ’n duthaich mar sin air a h-ath-dheilbh, air a deanamh suas dhe gach seòrsa sluaigh, geal, dubh buidhe, ruadh is donn—sluagh cho ioma-dhathach ri breacan Màiri Uisdein, agus cho fad o cheile na ’n cainnt ’s na’n cleachdaidhean ’s a tha ’n àird a deas o’n àird a tuath. Agus ’s i cheist am fàs iad sin uile na ’n aon chinneach, agus an gabh iad riaghladh mar aon shluagh. Faodaidh e bhith gu’n tig air Canada a cheist sin a fhreagairt air a son fein an uine ghearr, oir tha iomadh seòrsa sluaigh a’ tighinn air imrich innte, agus uime sin is glic dhuinn a bhi cumail suil gheur air ciod a tha dol air adhart ’san duthaich a tha deas airm. Thachair sgiorradh uamhasach ann an Frank, baile mèinneadaireachd ’san Iar Thuath, air an latha mu dheireadh de dh’ April. Bha ceithir fichead is tri pearsa air am marbhadh le beum-sleibhe. Tha am baile air a shuidheachadh aig bonn beinne faisg air Crow’s Nest Pass. Bha am meall talmhainn is creige a thuit o’n bheinn mu dha mhile air fad ’s tri chairteil mile air leud. Bha àireamh thighean air an leagail, agus tha da mhile dhe’n rathad-iaruinn air a thiodhlacadh cho domhain ’s nach gabh e toirt ris a rithist le na’s lugha na obair shia miosan. Bha ’san iomradh an toiseach gu’m bu chrith-thalmhainn a dh’ aobharaich an sgiorradh uamhasach so, ach cha robh crith-thalmhainn ann idir. Tha cuideachd an iaruinn ag ìsleachadh tuarasdail an luchd-obrach. Chaidh 25c ’san là thoirt bhar tuarasdal nan saor air an t-seachduin s’a chaidh; chaidh a thoirt dhaibh air ais toiseach na seachduin so, ach bha àireamh dhiubh air an cur bhar na h-obrach, oir cha robh obair gu leòr ann dhaibh uile. Aig an àm a chaidh sin a dheanamh, thugadh leth-dolair ’san latha bhar nan clachairean; co-dhiu tha sin gu mairsinn no nach eil, cha’n eil cinnt fhathast. Tha cléirich is luchd-cumail tìme air an gearradh sios na ’n tuarasdal cuideachd, agus tha moran air an cur bhar na h-obrach gu buileach. Bha fear Iain E. Kelly air a mhort ann an Sidni Tuath oidhche Dì-sathairne, an darra latha dhe’n mhios so. Bha e fhein is fear no dha eile ag aimhreit ri triùir Eadailteach, agus stob fear dhiu sin sgian annsan. Chaidh a leònadh gu dona agus chaochail e maduinn Di-màirt air an ath sheachduin. Chaidh triùir Eadailteach a ghlacadh, ach chaidh dithis dhiu sin a shaoradh cheana, ’s thatar a’ deanamh mach nach deach an duine ciontach a ghlacadh fhathast, ’s gu bheil e air teicheadh as an dùthaich. Seachduin gus an Di-màirt s’a chaidh bha soitheach-seòlaidh á Gloucester air a call faisg air Canso, N. S., agus bha coig duine deug air am bàthadh. Cha d’ fhuaireadh a shàbhaladh dhe na bh’ air bòrd ach a triùir, a fhuair leum bho thoiseach an t-soithich air na creagan. Bhuineadh a mhor chuid dhiùsan a chailleadh do chladach a deas Nobha Scotia; bha aon duine dhiu a mhuinntir Arichat, fear a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa, ’s fear eile mhuinntir Newfoundland. Tha ceithir la deug air ruith o’n sguireadh a leigeadh uisge do’n mhèinn aig Dominion No. 1, agus tha iadsan a bha ris an obair am barail gu bheil an teine air a chur buileach as. An ùine ghoirid tòisichear ris an uisge thaomadh aisde, agus an ceann dha no tri mhiosan tha dòchas gu ’m bi a mhèinn ag obair le neart mar bha i roimhe. Chaidh tri cheud is coig mile deug (315,000) ròn a ghlacadh le iasgairean Newfoundland air an earrach so, da fhichead is aon mhile bharrachd air na chaidh a ghlacadh an uiridh. Tha prìs na’s fhearr air na ròin am bliadhna, agus bheir sin tomhas math de shoirbheachadh gu Newfoundland. Chaidh fear Frawley, ann an Toronto, fhaotainn ciontach de bhòtadh an ainm fir eile, agus chuireadh ceithir cheud dolair de chàin air, a bharrachd air tri miosan prìosain a thoirt dha. Ma tha gach sgeul ri creidsinn tha a chionta so a’ fàs gle chumanta moran, na’s cumanta na tha a bhi ga ’peanasachadh. LITIR A ALBA. FHIR MO CHRIDHE:—Fhuair mi anamoch an dé am MAC-TALLA a thainig am mach a choig latha deug gus an diugh. Tha mi glé thoilichte leis an dòigh shnasail phongail anns am bheil thu ’deanamh do ghnothaich. Lean thusa romhad mar a tha thu ’deanamh, agus mur ’eil mise air mo mhealladh gu mòr, chi thu fhein agus do phaipear grinn, tlachdar, làithean a’s fhearr na chunnaic sibh fhathast. Tha mi ’cur m’ aonta ris a h-uile facal a tha air a ràdh mu dheidhinn mar bu chòir cuid mhath de dh’ obair a’ Mhòid a bhith air a deanamh. Ma ’s ann air son an tuilleadh beatha agus neirt a thoirt do ’n Ghàilig a tha obair a’ Mhòid air a cumail air aghart o bhliadhna gu bliadhna, nach saoileamaid gu’m biodh a’ Ghàilig a’ faotainn a h-uile cothrom air a neart agus a buadhan a chur an ceill? Cha’n ’eil mi idir a’ faighinn coire ged a bhiodh Ceann-suidhe a’ Mhòid gun chomas air Gàilig a labhairt ma tha’n fhuil Ghàidhealach a’ ruith ’na chuislean, agus ma tha e ’nochdadh gu soilleir gu ’m bheil e toileach a’ Ghàilig a chumail suas. Tha iomadh dòigh ann air an cumar suas a’ Ghàilig a bharrachd air a bhith comasach air a labhairt. Cha ’n ann le labhairt na Beurla a tha ’Bheurla air a cumail suas a mhàin, ach mar an ceudna, agus gu sònraichte, le bhith ’ceannach agus a’ leughadh nan leabhraichean agus nam paipearan-naigheachd a tha air an clo-bhualadh anns a’ Bheurla. Is ann air a’ cheart dòigh so a chumar suas a’ Ghàilig. A nis, tha dearbh-chinnt agamsa nach ’eil ach àireamh glé bheag dhe’n mhuinntir a tha ’falbh o chearn gu cearn de ’n rioghachd so, o bhliadhna gu bliadhna, gu bhith ’frithealadh aig a’ Mhòd, a’ caitheamh a’ bheag sam bith dhe ’n cuid airgid ann a bhith ’cumail suas na Gàilig. Ged a thachradh iad riut air an t-sràid, no air an rathad-mhor, is gann a thig facal Gàilig as an cinn ged a bhruidhneadh tu riutha. Agus ged a rachadh tu do na taighean aca, is gann gu ’m faigheadh tu aon leabhar Gàilig an taobh a staigh dhe na dorsan aca. Tha iad a’ toirt orra fhein a chreidsinn gu ’m bheil tomhas de mhi-mheas ri bhith orra ma theid aca air Gàilig a labhairt gu math. Ma tha droch Ghàilig aig fear, is e beachd cuid mhòr gur e “leith dhuin-uasal” a th’ ann. Ach a dh’ aindeoin na tha de mhi-mheas aig sluagh gun cheill air a’ Ghàilig, tha a’ Ghàilig a’ faotainn beag air bheag an uachdar gun taing dhaibh. Tha duine is duine an sid ’s an so a’ toirt fa near gu ’m bheil i na cànain anabarrach aosda, agus gu ’n teid aig neach sam bith aig am bheil tomhas math de dh’ eòlas oirre air a smaointeanan a chur an ceill ann an dòigh neo-chumanta soilleir. A nis, bheir mi dhut mo bharail air an ainm a’s fhearr air an dòigh a th’ aig Marconi air fios a chur o àite gu àite tarsuinn chaoiltean cumhang, agus chuantan farsuinn. Tha fhios againn gur ann le cumhachd an dealanaich a tha am fios so air a chur air shiubhail. Agus o’n a tha thu fhein ag ràdh gur ann mar is giorra an t-ainm is fhearr e cha ’n aithne dhomhsa ainm a’s freagarraiche air na “fios dealain.” Tha “dealan” agus “dealanach” a’ ciallachadh an aon rud. Tha ’n dà ainm so air an aon rud o chionn iomadh linn; agus is e “dealan” an t-ainm a’s sinne dhe na dhà. Is dòcha nach biodh e as an rathad dhomh innseadh dhut fhein agus do do luchd-leughaidh nach b’ e Marconi a’ cheud duine a fhuair am mach an t-innleachd ro iongantach so. Fhuair Sasunnach am mach an gnothach o chionn deich no coig bliadhna deug. Thachair, mar is minic a thachair ann an geamhradh fiadhaich, gu’n do bhrist an càbla a bha eadar Muile agus tir-mòr an Lathurn. Agus chaidh aig fear dhe na h-àrd dhaoine a bha timchioll air càradh a’ chàbla so air fios a chur tarsuinn a’ chaoil gun chàbla gun eile. Ach ged a fhuair an duine greim air ceann na ceairle, cha do tharruinn e leis an snàth, agus mar sin chaill e an greim a fhuair e air innleachd a dheanadh ainmeil agus saoibhir e, agus a bhiodh ’na chliù do ’n rioghachd do ’m buineadh e. Cha ’n ’eil fios aig neach sam bith co dhiubh a fhuair Marconi fios mu dheidhinn so, no a thog e an innleachd as a cheann fhein, agus is cinnteach nach bi. Is iomadh rud iongantach a fhuaradh am mach o’n a thainig cuimhne ugam, agus faodar a bhith glé chinnteach gu ’m faighear iomadh innleachd eile am mach a bhios feumail do ’n chinne-daon mu ’n bi an saoghal mòran na’s sinne na tha e. Tha iomadh ni ann an cruthachadh farsuinn Dhé air nach do smaoinich neach riamh fhathast; ach, beag air bheag, mar a bhios an cinne-daon freagarrach air a shon, thig aon an déigh aoin dhe na nithean a tha air am falach anns a’ chruinne-ché gu follais. Tha eòlas agus innleachdan an t-saoghail air an roinn ann an dòigh a tha gle iongantach ’n ar sùilibh-ne. Ge b’ e cearn dhe ’n t-saoghal do ’n teid sinn tachraidh daoine ruinn a bheir dhuinn iomadh fiosrachadh nach ’eil againn fhin. Tha so fior, cha ’n ann a mhàin a thaobh nan daoine a tha àrd ann am foghlum, ach mar an ceudna a thaobh dhaoine aig nach ’eil a’ bheag a dh’ fhoghlum sam bith. An duine a’s bochda a thachair riamh rium, bha iomadh fiosrachadh aige air nach robh eòlas sam bith agamsa. Air do ’n chùis a bhith mar so, cha ruig a h-aon dhinn a leas a bhith cho fior mhoiteil mu ar n-eolas agus ar fiosaachadh ’s a tha sìnn. An uine gun bhith fada sgrìobhadh mi ugad. Is mi do charaid BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, 18, 4, ’03. EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. V. AN DUBHAN AIR UR-BHIADHADH—A CHOINNEAMH AIG AN TORR DHUBH—CUNNART AN T-SEALGAIR. CHUAL’ an t-òsdair dubh an uaigneas Ghlinn Duibhre mu gach ni, ’s mu ’n duais a bha feitheamh air aig a Chaiptein chumhachdach. Mar sin smaointich e air e fhéin a dhion cho math ’s a dh’ fhaodadh e; agus thainig e thun a cho-dhùnaidh gur e ’n aon dòigh air an deanadh e so a bhiodh taitneach leis a Chaiptein, an gniomh a thug e dha ri ’dheanamh a dheanamh gun mhaille, cho luath ’sa chuireadh na dàin an cothrom na ’laimh. Bha nis a cheart uiread de ghràin aige air an t-sealgair ’s a bh’ aige air fear a’ Bheallaich fhein; oir nach e bu choireach a bheatha ’thearnadh o’n ghàbhadh anns an do chuir e fhéin ’san stoirm i. Bha fios aige mar an ceudna nach deach cridhe cruaidh Adam a thaiseachadh no iompachadh gu daonntachd no gaol do ’n fhear a shàbhail e, ’s a chuir fo leithid de chomain e. Cha deachaidh idir. Na aghaidh sin ’s ann a bha ’n Caiptein còir na bu ghuiniche agus na bu diarrasaiche uige na bha e riamh, oir bha e ga ’fhaicinn a nis na ’chnap-tuislidh roimhe na bu mhotha na b’ àbhaist, air an aobhar a leanas. Cha ’n fhóghnadh leis an òganach na rinn e air Eobhain, le Una dhonn a thoirt bhar an rathaid air an robh i gu toilichte ’triall, an uair a dh’ fhiar e a slighe gu ’lion fhein. Thàinig i leis gun [TD 179] [Vol. 11. No. 23. p. 3] stri, ’s cha robh ’thoileachadh idir cho mor ’sa bha e ’n dùil, gu h-àraidh o nach do rinn an sealgair fhein straighlich sam bith mu ’n chùis. Mar sin dh’ fhàs e sgìth de chuideachd Una ghòraich, iomlain, agus chaith e ’shùil ghaisidh an taobh an robh Màiri bheag gus Eobhain a ghonadh na bu mhotha. Gus a mhiann a shàsachadh, agus so a thoirt mu ’n cuairt, thòisich e ri e fhein a chaitheamh an rathad Màiri gach taobh an rachadh i. Ach cha ruigeadh e leas; bha shaothair diomhain; oir cha b’ ann idir ’san aon mholltair a dheilbh nàdar an dithis chaileagan Gàidhealach so. Bha Màiri bheag a sealltainn na b’ fhaide na shitheadh an t-sùil ann an leughadh fear sam bith, ’s gu h-àraidh bha i ga dheanamh so, agus bha e feumail dhi, a thaobh Chaiptein Adam, ’san treubh da ’m buineadh e. Cha b’ urrainn di gluasad am mach taobh sam bith nach tachradh fear a’ Bheallaich rithe, mar gu ’m b’ eadh le tuiteamas. Agus ged a b’ ann gus an sealgair a ghonadh a thòisich e ris a so, ’s e thàinig as a chùis mu dheireadh gu ’n do ghabh e gaol air Màiri—’s e sin gaol cho mor ’s cho domhain ’sa rachadh aig a nàdar féineil air a thoirt seachad—gràine faoin an coimeas ris na bh’ aige de ghaol air fhéin ’s air an rud air an robh e sealltainn mar thoileachadh na beatha. Air aon fheasgar, deireadh a gheamhraidh, bha Màiri bheag a tilleadh dhachaidh á taigh na ban-fhighiche, a bh’ air rudha aonaranach ri oir na mara. Gheall Eobhain gu ’n rachadh e na ’coinneamh, ’s mar sin thug i ’h-aghaidh gun eagal gun sgàth air a bhaile, ged a bha i fàs dorcha. Bha i gabhail ioghnaidh nach robh e tachairt rithe, ach mu dheireadh aig tionndadh Creag-an-fhithich, chunnaic i e, mar a bha i ’n dùil, a’ tighinn na ’coinneamh. Ghreas i ’ceum uige ’san dorchadas, ag radh ris aig a cheart àm, “Dé chum cho fad thu? ’S fhad o bha dùil agam a thachradh tu rium. Cia do ghairdean?” “Le m’ uile chridhe, ’Mhàiri bhòidheach, ’s tusa gheibh sin!” ars’ an guth; “’s na ’m biodh fios no fàth agam gu ’n robh thu gabhail fadachd nach robh mi tachairt riut, cha bu ruith ach leum leam ga d’ ionnsuidh.” Le so a ràdh thionndaidh e ri ’taobh, ’s thilg e ghairdean mu ’n cuairt di, is chunnaic Màiri le eagal agus uamhas gu ’m b’ e ’n struidhear dubh, Caiptein Adam a bh’ aice an àit’ Eobhain bhàin. Thuigeadh Adam beagan Gàilig, ach b’ ann ’sa Bheurla ’fhreagair e i mar so. Cho ealamh ris an fhùdar thug i spionadh oirre fhein as a làmhan ’s am mach a ghabh i. Ach mu ’n deach i fichead slat rug e gu teann cruaidh air ghairdean oirre, ’s thug e oirre gu feargach seasamh. “Tha mi sgìth dhe d’ ghogaideachd a nis, ’s cha chuir mi suas ris a chòrr dhe na cleasan so,” ars’ esan. “Na biodh nàire no athadh sam bith ort. Tha fios agam gu bheil thu smaointinn gu bheil mi car àrd air do shon. Ach dé dhe sin? Nach ’eil mi le ’m thoil fhìn a tairgse bean-uasal a dheanamh dhiot, agus sin an nochd fhein! Tha bàt’ agus sgioba dìleas agam shios aig a bhàgh, nach bi fada ga ’r toirt gu àite anns an teid an snaim laghach a’ cheangal. ’S mar dhearbhadh dhut gu bheil mi da rireadh,” ars’ an Caiptein le gàire subhach, a bheireadh, bha e smaointinn, misneach dhi, “bheir mi bhuat dusan pòg, agus uiread eile dhut.” Bha e gu sgiobalta ’dol a dheanamh na suaip thlachdair, chothromaich so; oir bha neart faoin Màiri air a mhùchadh buileach na ghairdeanan làidir, ’s cha b’ urrainn i dheanamh mar sin gus i fhein a gheard ach aon sgriach àird a claiginn. Bha iad na ’n seasamh faisg air tòrr dubh, ’s e sin tòrr feamainn, a bh’ air grodadh fo uisgeachan is siantan a bha freagarrach gus sin a dheanamh. Mu ’n do thàrr an éubh bilean Màiri fhàgail, thàinig mar leoghan Eobhain bàn mu ’n cuairt oisinn an torra, ’s an ath mhionaid, mu ’n do thàrr am fear eile tionndadh, no sealltainn feuch an e beithir a chaidh na ’luib, chaidh breith air gu garbh, ’s fhuair e e-fhéin a seòladh suas troimh ’n dorchadas agus a’ tighinn a nuas an comhair a chinn ann am meadhain an torra dhuibh, far an deach e á sealladh gu bog balbh. “So!” ars’ Eobhain. “Tha ’n leaba sin tuille is cùbhraidh air-son do leithid, is caidil gu madainn innte, feuch an dealaich pàirt dhe ’n òtrachas riut ann.” Le so a ràdh dh’ fhàg e ’n t-àite ’s Mairi air chrith air a ghairdean, ’s i nis a faicinn an sàbhaladh caol a chaidh oirre o’n ribe, a bhiodh na bu chruaidhe leatha na ’m bàs. Bha Eobhain e fhein air a ghonadh an uair a thuig e ’n cunnart ’san do theab i tuiteam, ach bha e gu math taingeil gu ’n do ràinig e ’n àm air-son a tearnadh o’n ghàbhadh; oir cha robh teagamh sam bith aige nach robh Adam air a toirt air falbh a dheòin no dh’ aindeoin. Chunnaic iad gu ’m feumadh iad a bhi nam faicill á so suas, agus sùil gheur a chumail am mach mu ’n tuiteadh i ’n lamhan a Chaiptein tuille. Ach a nis ged a tha ’n dorchadas ann, ’s fhearr dhuinn sùil a thoirt air an fhear a tha na éiginn ’san torr dhubh. Dh’ fheuch fear a’ Bheallaich ri faighinn as an leaba chùbhraidh ’san do chuir a pheasanachd e, cho sàmhach ’sa b’ urrainn e, gus a phearsa fhalach air sùilean an t-saoghail. Ach cha robh ’n torr dubh idir air-son a thoirt suas gun stri; oir bha e tuigsinn gu ’n robh bann agus càirdeas làidir eatorra. Mar sin an uair a bhiodh cas a Chaiptein gu h-àrd, ’s a thòisicheadh e gu fàillidh air goid na té eile, shleamhnaicheadh e gu laghach, réidh gu grunnd a rithist. Mu dheireadh thall b’ fheudar dha a ghuth a leigeil an àirde air-son cuideachaidh. Chuala ’n dithis a dh’ fhàg e ’m falach leis a bhàt’ e, ’s iad a nis a gabhail fadachd nach robh e tighinn, leis an fharadh bhòidheach, m’ an do dh’ innis e dhaibh a bh’ aca ri aiseag. Air an stiùradh le ’ghlaodhaich, ràinig iad e na ’n leum, agus le innleachdan fhuair iad air éiginn a shlaodadh as gun a bheag dhe ’n tòrr dhubh a thoirt leotha. Cha robh Caiptein Adam na shealladh taitneach no cùbhraidh, mar a dh’ fhaodas sinn a thuigsinn, agus an uair a chunnaic fir a’ bhàt’ e, le solus an lainntir, cha b’ urrainn dhaibh ’san anail annta cumail air an gàire, le faicinn staid riomhadh fear na bainnse, ’s na bha nis mu ’n cuairt air de ’n spìosradh neo-chùbhraidh bholtrach so. Chuir an subhachas mi-iomchuidh an caothach buileach glan air a Chaiptein, ’s a togail seann stamh fada dubh thug e ’n roid ud na ’n deigh, ’s cha b’ e taghadh na Beurla bha e caitheamh orra. Ach gu fortanach chaidh an stamh m’a chasan, ’s thuit e ann an lòn, ’s chaidh mar so ’fhearg a bhàthadh ann le uisge salach ’s le eagal, ’s mar an ceudna dh’ fhàg e pàirt dhe ’n torr dhubh ann. Faodar a thuigsinn gu ’n do dh’ fhad so teine na feirge na bu bhraise na ’chom coirbte an aghaidh Eobhain bhàin; is gus a chur a dhìth, chuir e litir air a seuladh thun an Osdair dhuibh an Gleann Duibhre le seirbhiseach dìleas, anns an robh na briathran torrach a leanas:— “Oidhche Mhàrt s’a tighinn bidh cuspair ar diùrais, an oidhche mu dheireadh a choinnich sinn, air an rathad do Bhail’-an-iubhair. Agus chaidh innse dhomh le urra chinnteach gu bheil dùil aige cadal ’sa mhuileann dubh, gus e bhith na ’s dlùithe d’a cheann-uidhe ’sa mhaduinn. Ach thoir thus’ an aire gu ’m bi thu gu math dha, agus na dean dearmad air a chadal fhàgail trom sàmhach, ’san dòigh a dh’ àithn mi dhut. Dean so gu sgiobalta ’s theid moran a mhathadh dhut, ach ma leigeas tu seachad an cothrom leanaidh mi thu cho dlùth ri d’ fhaileas gu iomall na cruinne, gus am faic mi thu ’n àite nach fhaic thu solus latha gu dìlinn. Thoir do cheart aire gu ’n loisg thu so!” Mar a thubhairt b’ fhior; oir cinnteach gu leòr, air an oidhche Mhàrt a dh’ ainmicheadh ghluais an sealgair o dhachaidh leth-fheasgar, ’s turus aige do Bhail’-an-iubhair, far an robh mar an ceudna caraid dha ’gabhail còmhnaidh. Le ’ghunna ’s le ’mhàileid air a shiubhal—cha robh ga ’ghiulan ach a chasan lùthmhor fhein—’s o’n a bha ’chridhe fhein gun ghamhlas do dh’ aon sam bith, cha robh ’n t-amharus bu lugh’ aige gu ’n robh naimhdean fuilteach air a luirg, aig an robh toil a chur a dhìth. Ged a bha Eobhain car trom-inntinneach ’sam àm air tàille reusain m’a bheil fios againn, cha robh e idir air fear de ’n fheadhainn a laidheas sios fo ’m bròn, mar gu ’m biodh réis na beatha seachad dhaibh gu bràth, ’s gach toileachadh air uachdar an domhain. Ràinig e dorus an òsdair dhuibh ’san dorchnachadh, ’s gad ian na ’laimh a leag e air an rathad, a bha e dol a thoirt do ’n bhean-taighe aig an òsdair, Ealasaid odhar, rud a rinn e iomadh uair roimhe sid. Chuir e ioghnadh air nach bu bheag cho fior chridheil ’s a dh’ fhàiltich an t-òsdair dubh e aig a dhorus, ’s cho mìn ’s cho caoimhneil ’s a dh’ fhaighneachd e m’a shlàinte ’s m’a shlàinte gach aon a bhuineadh no b’ aithne dha. Thug e an aire an uair a chaidh e stigh gu ’n robh an seann taigh na b’ ùdlaidh na chunnaic e riamh e, na ’n gabhadh sin a bhith, agus dh’ fhairich e gaoir neònach mu chnaimh a dhroma, ged nach robh sin furasda ’thoirt ann air a thàille. Bha uiread mheas aig Ealasaid odhar air an òganach dhreachar so ’s a bh’ aice air neach beò, ’s mar sin cha robh a maighstir idir air-son ni sam bith a leigeil fhaicinn dhi a bhiodh gu dolaidh Eobhain bhàin, ged a bha i gu mor fo smachd agus fo bhann iongantach air choireigin na ’sheirbhis. Mar sin ged a bha amharus aice nach robh gach ni ceart cha robh fios aice air cunnart an t-sealgair idir, ach a mhàin gu ’n robh an t-òsdair agus Uilleam, làithean roimhe so, gu math tric ri ’m faicinn an diùrais dhiomhair mu ni àraidh—amannan aig am biodh an adharc a dol mu ’n cuairt gu tric le stràic. Cha robh Ealasaid odhar a cur moran diù ’sa chùis, ged a bha i cluinntinn iomadh bloigh facail maoidhteach, oir bha ’daonnachd air a mhaoladh o chionn iomadh latha, no gus am fac’ i Eobhain bàn aig an dorus air an fheasgar ud, cha do chuir i dha agus a dha comhladh, ’s cha do smaointich i gu ’m b’ e cuspair na diùrais aig na seòid. Ach an uair a sheas e an treun a neirt, agus am blàth na h-òige, m’a coinneamh, ’s e sìneadh dhi na seilge, thainig gach facal ’s gach bloigh facail a chual’ i gu grad na ’cuimhne, agus chuir i roimhpe, ged a phàidheadh i gu daor air a shon, a chur na ’fhaireachadh roimh ’n chunnart, ged nach rachadh aice air innse dha dé ’n seòrsa bh’ ann, ach a mhàin an àird o’n tigeadh e. Ach thug i ’n aire nach biodh so soirbh a dheanamh, oir bha sùil dhubh gheur an òsdair oirre fad na h-ùine, ’s e air amharus a ghabhail gu ’n robh toil aice rudeigin a ràdh ris an òganach, agus a réir choltais bha e air a chur roimhe nach fhaigheadh i ’n cothrom; oir bha thuar air gu ’n leanadh e riutha cho dlùth ’s cho dìleas ’sa ni bàirneach ri sgeir-mhara. (Ri leantuinn.) Bha Nathaniel March agus Deòrsa Lambert air am marbhadh ’sa mhèinn chloiche air Abhainn Sheòrais air an t-seachduin s’a chaidh. Bha iad le cheile mhuinntir Newfoundland ’s bu daoin’ òga gun phòsadh iad. [TD 180] [Vol. 11. No. 23. p. 4] A’ GHAIDHLIG. THA mi glé thoilichte gu bheil Bodachan a’ Ghàraidh fathast beò ’us lughmhor, agus comasach air Gàidhlig ghlan ghasda ’sgriobhadh. Tha mi da rireadh moran ’n a chomain airson nam briathran caoimhneil a sgriobh e mu Chona. Bu ghle mhaith leam eòlas a bhi agam air, agus cothrom a bhi agam air seanachas a bhi agam leis mu dheibhinn iomadh ni ’bhuineas do na Gàidhlig. Is maith ’s aithne dha Gàidhlig bhrioghmhor, bhoidheach a sgriobhadh. Tha e soilleir gu leoir gur e fior Ghàidheal inntinneach, làidir, dìleas a tha ann. Tha Cona fathast beò agus làidir. Tha e pòsda. Tha e moran ni ’s sine na bha e ann an 1870, ’nuair a sgriobh e mu Oisein, a Linn agus a Bhàrdachd. Tha dòchas làidir agam gu bi Bodachan a’ Ghàraidh fada beò ann an slàinte ’s soirbheachadh, agus gu cuir e iomadh litir mhaith do MHAC-TALLA ann an cainnt agus ann an spiorad nan Gàidheal, mar da rireadh is aithne dha. Chaidh moran bhliadhnachan seachad o’n thòisich càirdean an Ollaimh Mac Leòid air gach ni ’s paipeir a sgriobh e ’thrusadh agus a’ chur ann an òrdugh airson an clo-bhualadh ann an aon leabhar. Cha robh Gaidheal dileas idir ann nach robh fuasach toilichte ’nuair a thuig iad gu robh cairdean dealasach Mhic Leoid agus na Gàidhlig a’ deasachadh sgriobhaidhean pongail agus eireachdail an Ollaimh a chum gu rachadh an clo-bhualadh taobh ri taobh leo fein. Is e an t-Ollamh Cleireach, cliamhuinn Mhic Leoid, a rinn an obair ghasda ’tha nis ri fhaicinn ann an Caraid nan Gaidheal—an t-ainm iomchuidh grinn a bhuilich e air sgriobhaidhean Thormoid. Tha ’n t-Ollamh Cléireach fior mheasail am measg càirdean dìleas agus foghluimte na Gàidhlig. Is iomadh naigheachd taitneach a sgriobh e fein ann an Gaidhlig, agus is oirdheirc an obair a rinn e ’nuair a dheasuich e ’s a chuir e mach gu pongail, comasach, Oisein agus a Bhàrdachd, ann an sgeadachadh ùr, dreachmhor, foghluimte. Tha e fein ag innsidh gu robh comhnadh maith aige bho ’n Ollamh Mac Ille Bhrath. Thainig earrann de ’n obair ùr so a mach uair ’s a’ mhios. Ma dh’ fhaoidte gur e Tormod Mac Leoid, Ministeir a’ Bharonaidh ann an Glaschu, Albannach a bu mhodha cliù ’s tapadh ’us beusan iomadach ’n a latha fein. Cha ’n i bana-Ghaidheal a bu mhàthair dha. Is i boirionnach gleusda, glic, uasal a bha innte ged nach robh Gaidhlig aice. Bha Tormoid òg gle mheasail air athair agus air a mhàthair. Is e Caraid nan Gaidheal—ainm gle iomchuidh agus firinneach—a thugadh air an leabhar ùr a dh’ uidheamaich an t-Ollamh Cléireach. Sgriobh Tormoid òg eachdraidh ghoirid air beatha athair ’s air gach oidhirp dhuineil a rinn e as leth na Gaidhlig agus nan Gaidheal. Cha ’n ann gun aobhar a thubhairt am fear deasachaidh gu bheil àite àrd, measail aig Caraid nan Gaidheal am measg nan leabhraichean a’s fhearr ’us a’s cùramaiche ’tha air an sgriobhadh anns a’ Ghaidhlig. Faodar a radh gu cinnteach gur ann an Caraid nan Gaidheal a tha ’Ghaidhlig a’s fhearr, a’s pongaile ’s a’s mìlse ’tha idir againn. Thugadh neach air bith a tha iarrtuiseach air Gaidhlig shnasmhor, bhlasda, cheart ionnsachadh agus a labhairt deadh aire do Charaid nan Gaidheal. Bha ’n t-Ollamh Mac Leoid daonnan a’ tabhairt eolais feumail do na Gaidheil, agus a’ nochdadh doibh cia mar bha sean doighean agus àbhaistean a’ dol air chùl, agus innleachdan ’us dòighean ùra ’teachd ’n an àite. Am feadh a bha Tormoid a sgriobhadh co pongail, gasda, bha amannan gle chruaidh anns na h-Eileanan Gaidhealach, agus bha e fuasach duilich do na Gaidheil an teachd an tir a chosnadh. Bha fios ’us cinnte aig Tormoid gu faigheadh iad air taobh thall a’ chuain dachaidh sheasmhach, le fearann beartach, torach, agus le dichioll ’us saothair gu bitheadh iad ann an ùine ghearr ann an inbhe mhaith agus shona. Ann an còmhraidhean bòidheach, ealanta tha Tormoid a’ deanamh iomraidh air beachdan nan Gaidheal agus a’ nochdadh gu robh e min-eolach air an smuaintean. Tha na còmhraidhean a’ dearbhadh gu soilleir gu robh inntinn gheur, làidir aig Mac Leoid, agus nach robh e idir aineolach air faireachduinnean a luchd-dùthcha. Is ann le tlachd mor a leughas na Gaidheil na còmhraidhean a chuir Mac Leoid le dealas grinn an òrdugh. Tha ’n treas earrann air a thabhairt suas le nithean cràbhach agus le searmoinean drùighteach, freagarrach agus ùr-labhrach. Is iomadh Gaidheal a tharruing moran sonais ’us sòlais bho ’n earrann so de Charaid nan Gaidheal. Tha geallaidhean ’us earailean an t-soisgeil air am foillseachadh gu stòlda, tarbhach, firinneach ann an Searmoinean Mhic Leoid, agus cha chaill iad am meas ’s am muirn ’s an cumhachd co fad’ ’s a bhitheas cràbhadh taitneach leis na Gaidheil. Tha da bhliadhna ’nis on chaidh comh-chruinneachadh ùr de sgriobhaidhean Thormoid Mhic Leoid a chlo-bhualadh. Ged nach ’eil an leabhar ro-mhor tha e air a chur an òrdugh maith, agus tha moran leughaidh taitneach ann. Is ann an Gaidhlig fhonnmhor ’s ealanta ’tha na naigheachdan a bhuineas dha air an sgriobhadh. Tha cunntas ann air a’ ghaisgeach fhoirmeil, fhoghainteach, Lachunn Mor Dhubhairt. Tha cunntas ann mar an ceudna air Eliah, an duine le Dia, air Lunnuinn, air Ailean nan Sop, air a’ Phrionnsa òg, a tha ’nis ’na righ thairis air Breatunn agus na h-Innsean gu léir. Tha gun teagamh iadsan lionmhor a tha toilichte gu bheil comas aca air tuille de sgriobhaidhean ’us de bheachdan Thormoid a leughadh agus a mheorachadh. Cha theid mar so sgàile na di-chuimhne gu ceann iomadh latha ’s bliadhna ’sgaoileadh air ainm Caraid nan Gàidheal agus air na sgriobhaidhean àluinn agus eugsamhuil a thainig uaithe. Tha mi faicinn le tlachd mor gu faigh gach neach aig am bheil spéis do Charaid nan Gàidheal an da leabhar air an d’ rinn mi iomradh bho MHAC-TALLA fein. Co an Gaidheal dìleas nach bi deònach air Gàidhlig ghrinn an da leabhair so ’bhi aige. An uair a thàinig an t-àm anns am feumadh Tormoid Mac Leoid tigh athar fhàgail agus dol do sgìreachd dha fein, sgriobh e oran ann an Gaidhlig a bha anabarrach bòidheach agus tairis. Tha ioghnadh orm nach deachaidh an t-òran so ’chur a mach a rithist, oir bhitheadh moran de chàirdean caoimhneil Thormoid fìor-thaingeil nam faiceadh iad an t-òran air am bheil iad fior-eòlach le bhi ’cluinntinn iomradh air. Dh’ eadar-theangaich Ministeir ann an Ceann mu dheas Chinntire an t-òran a dh’ ionnsuidh na Beurla. Ged nach fhaca mi riamh Gàidhlig Mhic Leoid anns an òran, rinn mi oidheirp air an òran a chur ann an éide Gàidhealach bho Bheurla ’mhinisteir air an d’ rinn mi luadh. CONA. [Gheibhear an t-oran so—“Fionnaire”—air an taobh mu dheireadh dhe ’n àireamh so.] Bha malairt Mhontreal air a ceangal gu dona o chionn dha no tri sheachduinean, luchd-laimhseachaidh a bhathair air na ceidheachan a’ diùltadh obrachadh. Chaidh réit a dheanamh toiseach na seachduin so agus chaidh na daoin’ air ais a dh’ obair. A thaobh tuarasdail is eile tha iad air am fàgail car mar bha iad nuair a thòisich an aimhreit. MAR A LABHAIR AM MART MAOL. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. FO sgàil nan craobh ri taobh alltain fhuaimneach, lùbach, tha ’m bothan sgiobalta geal aig Uilleam breabadair ri fhaicinn. Seas air a chùl air mullach an dùin shligean, shrùban, is bhairneach, ’s tog do shùil ris an eara-dheas is chì thu na beanntan aosmhor mu d’ choinneamh, ’s ceò ag iathadh mu ’n cinn, anns a cheart shuidheachadh ’san robh iad an uair a bha ’n Fheinn, le ’n gaisgich ’s le ’n coin, a’ ruag an fhéidh air am feadh, ’s a bhiodh iad, air-son cur seachad na h-ùine, a’ caitheamh nan creag o mhullach gu mullach, far a bheil cuid dhiù ri ’m faicinn gus an latha ’n diugh. Tionndaidh, agus seas tacan aig an dorus, ’s cuir do shùil an iar, is chì thu ’n cuan luasganach beò, na mhórachd a sìneadh eadar thu ’s leus, ’s a measgachadh le guirme nan speur. Na ’n rachadh agad air do shùil a chuir àrd gu leor, ’s do shealladh a chaitheamh thairis, b’ ann air oirthir chein chraobhach America, air an taobh eile de ’n chaol mhor a laidheadh i. Ach gun an còrr a ràdh mu mhórachd nàdair, cuireamaid ar n-aire car tacain air ar cuairteachadh, ’s gu h-àraid air taigh Uilleim bhreabadair chòir. ’S e taigh a’ bhreabadair an taigh céilidh is ainmeile ’sa bhaile ’san àm, ’s ga ’ionnsuidh mu ’n tàrr a’ ghrian a sùil fhalach bidh na h-òganaich as gach taobh a tighinn, mar leomainn gu dearrs coinnle. Is ni cinnteach nach e ’n crùisgein beag aig Uilleam air a lasadh crochte ri taobhan air chùl na beirte-fighe tha ga ’n tarruinn, agus is cinnteach nach e euchdan na Feinne, ’s nan daoin’ o’n d’ thainig e, agus na sgeulachdan eile bhiodh e gu tric ag aithris, a bha toirt na h-armailt òganach ud mu cheann glas a bhreabadair, air chor ’s nach fhaigheadh e àite-suidhe na ’thaigh fhein ach am broinn na beirte-fighe. Cha b’ e idir. Bha crùisgein Uilleim a cheart cho dearrsach beagan bhliadhnachan air ais, agus bha e fhein a cheart cho math air na sgeulachdan ’s a tha e nis, ’s cha tigeadh a h-aon dhe na spalpairean so na ’chòir. Ach an uair sin bha Flòrag a nighean gun fhàs, gun chumadh, gun samhladh, gun choltas ris a ghath gréine a chì sinn an diugh a cumail taigh a bhreabadair, ’s m’a bheil na gillean so a dathadh an sgiathan, no, gus a bhi ceart, an cridheachan. Cha ’n aidicheadh iad fhein ’san anail annta gu ’n robh àite sam bith aig Flòraig na ’n smaointinnean, no gur ann air a tàille a bha iad a cosg bhròg ’s a bruthadh feòir ag iathadh mu thaigh a bhreabadair. Cha robh; cha robh. Bha iad uile gu léir ach a h-aon air ùigh mhor a chur ’sa bhreabadaireachd, ged a bha iad ag amharc sios air a cheaird fheumail sin beagan ùine air ais. Ach ’s mor a bh’ aig da shùil shoilleir, mheallach Flòraig ri ’dheanamh ris a mheas so, ’s ris gach meas a bh’ aca air gach ni a bha ga ’cuairteachadh. Ma ’s e na creagan fhéin a bha dlùth air taigh Uilleam, bha barrachd meas aig na gillean orra na bh’ aca air creagan sam bith eile; ’s an cuan—a chuid sin a tha tighinn dlùth air a dhorus, ’s anns am biodh Flòrag o chionn ùine cho gearr le ’casan beaga rùisgte ’cluich ’s a grunnachadh—shaoileadh iad gur bàs taitneach a bhiodh ann, a bhi air am bàthadh ann seach àite sam bith eile. Cha robh cùil aig a bhreabadair a stigh nach robh cur thairis le tombaca—gibhtean na suiridhichean—oir ged a bha e trom air a’ phìob, cha rachadh aige air cur as dhe na bha e faighinn no taing. Tha ’n oidhche air tuiteam, is theid sinn a stigh, o’n tha beagan ùine o’n dhùin an dorus air an fhear mu dheireadh, ’s chì sinn pàirt dhe na tha dol air adhart mu chagailt a bhreabadair. [TD 181] [Vol. 11. No. 23. p. 5] Tha Flòrag na ’suidhe aig a chuibhill, ’s gun choltas subhach sam bith oirre, a lionadh iteachain dha ’h-athair. Tha Iain mór o’n ghleann air an darna taobh a cumail nan ceirslean, ’s tha Aonghas beag a ghriasaiche air an taobh eile ’s a’ chas a cur mu ’n cuairt na cuibhle. Tha Alasdair ruadh na beinne mu ’coinneamh, a cumail nan iteachan làn na ’bhonaid; ’s tha Domhull a chùbair na ’sheasamh air a cùlaobh ’s paipear is pensail aige cumail cùnntais. Tha coignear no sianar eile (an fheadhainn nàrach) mu ’n cuairt na beirte-fighe a’ frithealadh dha ’n bhreabadair fhein—fear a togail na spàil, ’s fear a gearradh thombaca, is fear eile glanadh na pìoba, ’s fear a feitheamh ’s bioran giubhais aige ’san teine gus a bhi deas gus a faighinn aig tarruinn; ’s an dràsda ’s a rithist iad so uile toirt sùil ghruamach air a cheathrar a tha eadar iad ’s grian an dòchais. Ach ag amharc air Flòraig, tha e furasd’ fhaicinn nach ’eil a cridhe le aon dhe na tha ga cuairteachadh fo na cabair; oir gach uair a gheibh a sùil bealach ’s a’ bhalla bheò so tha i daonnan a tionndadh air an dorus, mar gu ’m biodh dùil aice ri cuideigin nach ’eil a tighinn. Ged a tha fios aig Flòraig nach tig a chuideigin so a nochd, tha solus dòchasach a dearrsadh na ’sùil gach uair a chluinneas i fuaim mu ’n dorus, oir cha robh fios aice riamh uige so dé cho mor ’sa bha bhearna na cridhe ’bha Alic Nèill a lionadh, ged a bha i o chionn ùine mhath ga ’chumail air chorra-bid, eadar gaol is eagal. Ach an dé chaith i dhith cleòca na gogaideachd, dhàsan co-dhiù, is chunnaic e dòchas, agus a fior rùin dha, na ’briathran, a bhàrr air am faicinn an tobraichean soilleir na h-inntinn. Ach, mo thruaighe! cha robh am breabadair riamh air taobh Alic Nèill; agus an oidhche roimhe so sheall e ’n dorus dha le briathran garbha, feargach, a cheart oidhche bha dùil aig Alic ceist àraid a chur ris, agus ged a bha e ann an teagamh mu ’n fhreagairt, bha ’dhòchas cho làidir ’s gu ’n robh e smaointinn gu ’m faigheadh a theang’ fhileanta fhéin buaidh air a bhodach, ’s gu ’m b’ iad na briathran mu dheireadh a cluinneadh e o bheul a bhreabadair an oidhch’ ud: “Oidhche mhath leat, Alic, a chliamhuinn ghràdhaich!” Ach gu h-olc, cha robh so an dàn an oidhch’ ud. Na aghaidh sin thaosg fearg a bhodaich uime na tonnaibh cho làidir ’s gu ’n do dh’ fhàg e dhorus le beannachadh eile. Agus b’ ann mar so a thachair. Bha dìleab gamhlais ga ’sìneadh a nuas o linn gu linn eadar teaghlach a bhreabadair agus teaghlach Alic Nèill, agus b’ ann mar a leanas a dhùisg e ’n tùs. Dlùth air àm Noah, chaidh seanamhair sinn-seanair Alic agus seanamhair sinn-seanair Flòraig gu dubh bhar a chéile mu dha ghur-chearc. Ghoid cearc an darna té na h-iseinean air cearc na té eile, ’s cha ’n fhaigheadh i iad o nach mionnaicheadh i air a dearbh iseinean fhéin, rud a bha cunnartach a dheanamh, ’s iad uile dhe ’n aon dath ’s dhe ’n aon mheudachd. Ach air an ath mhaduinn, mu ’n do dh’ éirich a ghrian, (no a bana-charaid) fhuair a chailleach a bha ’n call an dé ’n da chearc còmhladh, ’s leig i dhachaidh cearc na té eile le aon isein crùbach, ’s mar so fhuair i ceann amall a ghamhlais air thoiseach, ’s chum i e, ’s chum gach taobh uaithe sin e air chuimhne cho ùr ’s cho dìleas, ’s bha iad iad uige so ga ’chreidsinn mar a chreud. Bha mar sin “iseinean mo sheanamhair” ga ’n tilgeil air a chéile air-son an aobhair bu shuaraiche, ’s bha ’m breabadair na bu chuimhniche air na h-iseinean na bha gin riamh roimhe. Cha robh e idir air-son Alic Nèill a bhi ga ’thadhal, ’s gu h-àraid cha robh e air-son do Fhlòraig dad a bhi aice ri ’dheanamh ris, ’s thug e rabhadh dhi iomadh uair dha thaobh. “Ach,” arsa Flòrag aon latha, ’s e air maoidheadh oirre ’thaobh Alic, “nach ’eil am Biobull fhéin ag iarraidh oirnn gaol a thoirt dha ’r naimhdean ’s dha ’r coimhearsnaich.” Thachais am breabadair a cheann ’s chlaon e mhalaidhean a smaointinn. “O,” ars’ esan, “is docha nach do ghoideadh iseinean chearc air seanamhair an duine chòir a sgriobh sin riamh.” B’e ’sheanamhair a bh’ aig gach linn air na cailleachan a thog an aimhreit. Coma co dhiu bha Alic caoin-shuarach mu ’n chùis. Bha e smaointinn gu ’m bu chòir na cearcan a thiodhlachadh còmhla ris a chàraid a dh’ àraich iad, ’s gu h-àraid bha e air-son tòrradh balbh a dheanamh dhaibh a nis, ’s a bhi réidh ri Uilleam air tàille Flòraig; ach bha so doirbh a dheanamh, ’s an darna leith dhiu aig a bhreabadair, ’s gu’n e air-son làmh a chur air sluasaid. Air an oidhche bha so bha ’m figheadair mar bu ghnàth ag aithris mu euchdan nan daoin’ o’n d’ thàinig e, ’s gu h-àraidh bha e pròiseil mu bhàrdachd a sheanair, a bha, bha e smaointinn, fad’ air thoiseach air obair Oisein mhic Fhinn. “C’àit’,” ars’ Uilleam, ’s e leigeil a ghuth an àirde, “an d’ rinn Oisean riamh ceathramh cho snasail ris a cheathramh so, a rinn am fear nach maireann, mo sheanair, do nighinn air an robh e suiridhe? Bha an nighean fior bhòidheach, mar a thuigeas sibh o’n cheathramh gun choimeas so:— Tha do shùil leam mar ghrìogaig dhubh; Tha do dheud leam cho geal ri ubh; ’S tha do ghruaidhean mar chìrein coilich, Is deirge shealladh le latha fliuch!” An uair a chuir am breabadair crioch air a cheathramh, sheall e le sùil fharraideach air na gillean air-son am beachd a leughadh na ’n gnùisean, ’s thug e ’n aire, gu mi-fhortanach do dh’ Alic a feuchainn le uile dhichioll ri gàire ’thachdadh, oir bha e gu nàdarra àbhachdach, agus dhrùidh na samhlaidhean bòidheach a chuir coimpear Oisein ri ’cheile, gu mor air a chùil an robh bhuaidh sin aige. Las am breabadair, agus las e gu math. “Am mach air mo dhorus ’s na dubh gu dìlinn e, a spalpaire mhagail!” ars’ esan. “Cha ’n ’eil thus’ ach mar a bha nan daoin’ o’n d’ thainig thu, agus ’s ann a bhiodh e na ioghnadh leamsa thu bhi air a chaochladh, iar-ogha bradaig, a ghoid na h-iseinean air an té nach maireann, mo dheagh sheanamhair chòir.” Ged nach do chòrd so ri Alic mu choinneamh Flòraig ’s nan gillean braoisgeach eile, cha do rinn e ach gàire, ach aig an dorus thionndaidh e ’s labhair e ris a bhodach a bha na ’sheasamh le ceirsle mhor shnàth aige na ’laimh: “’S tu fhéin tha math gu biadhadh nan cearc, Uilleam, an uair tha iseinean do shinn-sinn-sinn-seanamhair agad beò slàn fhathast! Ach tha ceist agam ri chur ribh;” ’s e tighinn ceum air adhart. “Am mach leatha, ma ta, ’s thoir do chasan leat!” ars’ am bodach. “An toir sibh dhomh Flòrag?” ars’ an t-òganach dalma. “Ha, ha!” ars’ am breabadair, “an e sin an taobh tha ghaoth! An cluinn thu so: Cha ’n fhaigh thu còir air Flòraig bhuamsa, gus an iarr a bhó mhaol ud a muigh orm, an deagh Ghàilig, an làthair fhianuisean, a toirt dhut; ’s bi nis a falbh as mo shealladh!” ars’ esan gu crosda, “’s gabh sid mar chuimhneachan,” ’s e aig a cheart àm a caitheamh na ceirsle shnàtha le uile neart air Alic. “Moran taing dhuibh air a son!” ars’ am fear sin, ’s e ga ’glacadh gu sgiobalta; “a cheart rud a bha dhìth air mo mhàthair, ’s inneach air a chlò bhàn aice ’n taigh na ban-fhighiche.” ’S le so ghabh e mach ’sa cheirsle fo achlais. “Glacaibh e! glacaibh e!” ghlaodh am breabadair, an uair a fhuair e anail. “Snàth a mhaoir! mo nàire! snàth a mhaoir, a bha mi ’dol a chuir an sàs an nochd.” Am mach a ghabh e fhéin ’s na gillean, a fàgail Flòraig a’ gàireachdaich gu toilichte na ’h-aonar. Faodar a radh nach d’ fhuair iad Alic no ’n snàth. Ach an ath mhaduinn fhuair am breabadair a cheirsle aig a dhorus ’s ròp thombaca mu ’n cuairt di, ’s ged a bha ’phrois ’s a’ shannt greiseag a stri, thug e gu toilichte iad a stigh le chéile gun mhoran dàil. Thachair do dh’ Alic beagan ùine roimhe so a bhi ’g amharc ioghnaidhean am baile àraidh, ’s chaidh innse dha ann an sin le fear a bha coimhlionta, gu ’n robh cuisle mhath ann de ’n bhuaidh a bh’ aig “Mac-a-chùbair,” ’s le beagan eòlais gu ’m faodadh e bhi na ’dheagh bhrù-chainntear, no mar theirear ’s a’ Bheurla, ventriloquist. Mar sin an ath latha thug e aghaidh air an àite ’s air an duine, ’s fhuair e na bha uaithe de dh’ ionnsachadh ann an seachduin. Air feasgar bòidheach thill e, agus ghabh e fhéin agus dithis chompanach dìreach gu taigh a bhreabadair. An uair a ràinig iad bha ’m breabadair aig an dorus an ceann a mhairt mhaoil, is Flòrag le ’da laimh chuimir ga ’bleoghainn. Dh’ fhàiltich e na gillean eile gu cridheil, is dh’ fhoighneachd e c’àit’ an robh iad a dol cho tràth air an fheasgar, ach cha do leig e air gu ’m fac’ e Alic. “Tha mise,” ars’ Alic, “air tighinn a dh’ iarraidh Flòraig a rithist, ’s tha dòchas agam gu ’m faigh mi freagairt fhàbharach uaibh.” Rinn am bodach gàire, ’s e tachas cluasan na bà. “Thuirt mi riut roimhe,” ars’ esan, “nach tachradh sin gus an comhairlicheadh a bhó mhaol so mi an deagh Ghàilig, an làthair fhianuisean, ’s tha eagal orm gu ’n gabh thu fadachd mu ’n tachair sin, oir is duine mise chumas ri m’ fhacal, Alic chòir.” “Tha sin ceart, Uilleam,” ars’ a bhó mhaol; “agus o’n a chuir thu chùis ugamsa, abraidh mi riut: Thoir do nighean do dh’ Alic, an ainm an àigh, ’s cha bhi aithreachas ort gu bràth.” Leig am breabadair as cluas na bà mar gu ’m biodh e air a losgadh, air dha so a chluinntinn o ’beul fo achlais, is sheall e mu ’n cuairt le eagal. Nochd an coileach aig oisinn an taighe agus sheall e air Uilleam ’san da shùil, is labhair e: “An cual thu am mart maol, Uilleam?” ars’ esan; “tha mise ag aontachadh leatha.” “A Dhia bi timchioll oirnn!” ars’ am breabadair, ’s e toirt leum as sìos thun a chladaich. Bhual a chas ann an cloich an àm gluasad, ’s ghearain i le guth truagh: “Chiùrr thu mi, Uilleam, le d’ bhròig mhoir!” Chuir so e gu leum, is chaidh e á sealladh mar earb. An ùine gun bhith fada phòs a chàraid òg, ’s cha robh aithreachas riamh air a bhreabadair, is cha chualas iomradh riamh tuille air iseinean a sheanamhair. Theireadh Alic fhein gu ’n do mharbhadh iad uile air-son na bainnse. Ach uige so, ged a fhuair am breabadair beagan eòlais air an dòigh an deach aige air a Ghàilig mhi-nàdarra ud a chluinntinn, ’s air buadhan a chliamhuinn, tha e ’g amharc le suil amharusach air a’ mhart mhaol ’s air a’ choileach gach uair a thig iad dlùth dha. Tha Montreal an deigh tairgse Charnegie, $150-000 air-son togalach leabhragain, a dhiùltadh as is as. Tha ’m baile sin air a roinn cho mor ’s nach b’ urrainn do’n t-sluagh aontachadh. Dh’ fheuch comhairle baile Halifacs ris a chleas cheudna dheanamh air Carnegie, ach chuireadh bacadh orra leis an lagh agus tha chùis ri bhi air a cur an dàrna taobh le àrd-chuirt Chanada. Mur saor Carnegie a chuid ghibhtean bho chumhachan, faodaidh e bàsachadh na dhuine saibhir an deigh a h-uile rud. [TD 182] [Vol. 11. No. 23. p. 6] AM MADADH-ALLAIDH ’S AN T-UAN.—Air latha teth ’s an t-samhradh thainig madadh-allaidh a chasgadh ’iota aig alltan beag a bha ruith sios le taobh bruthaich. Thachair gu robh uan òg na sheasamh air a bhruaich. Bu toigh leis a mhadadh-allaidh an t-uan ithe, ach bha a chogais ga ’bhioradh, agus air son lethsgeul a dheanamh, thòisich e ri chur an ìre gu robh an t-uan ’na ’nàmhaid dha. “Seas a mach o’n bhruaich sin,” ars esan, “oir tha thu le saltairt do chasan a leagadh na h-ùrach do’n allt, ’s cha’n eil mise faotainn ri òl ach uisge salach.” Thuirt an t-uan, le guth ciùin, nach robh e tuigsinn ciamar a dh’ fhaodadh sin a bhith, o’n a bha an t-allt a ruith leis a’ bhruthach, agus am madadh-allaidh fhein air àite b’ airde na bha esan. “Ach car-son,” ars am madaidh-allaidh, “a tha de dhànadas agad-sa tòiseachadh ri òl idir gus an gabh mise mo leòr dhe’n toiseach?” Thuirt an t-uan bochd an sin gu’m b’e bainne ’mhàthair gu ruige so bu bhiadh ’s bu dheoch dha. “Biodh sin mar a dh’ fhaodas e,” ars am mada-allaidh, “cha’n eil annad ach droch bheothach; oir chuala mi gu ’n robh thu mu ’n am so an uiridh a’ labhairt gu h-olc umamsa ’s mu dheidhinn mo chuideachd.” “An uiridh! ars’ an t-uan, “cha deach mise riamh fhathast a rùsgadh, agus mu ’n àm so an uiridh bha mi gun bhi air mo bhreith.” Nuair a thuig am madadh-allaidh nach robh feum sam bith dha a bhi ’g innse bhreug, ghabh e fearg namhasach, agus air dha tighinn ni bu dlùithe do ’n uan, thuirt e, “Tha ’n aon bhathais aig na h-uile h-aon dhibh, agus ciamar a dh’ aithnicheas neach o cheile sibh. Mur bu tusa bha ga m’ chàineadh, b’i do mhàthair a bha ris, ’s tha sin a cheart cho dona: cha leig mi as a so thu.” An sin leum e air an uan bheag bhochd agus dh’ ith e suas e. Ni leisgeul sam bith an gnothuch do’n duin’ eucorach, no mar a their cuid: “Theid neart thair ceart.”—Aesop. Bha gill’ òg an Halifacs a’ cur teine ri tighean ’s ri togalaichean eile air-son spòrs dha fein. Bha deigh mhor aige air bhi faicinn sluaigh a’ cruinneachadh dh’ ionnsaidh nan teintean, agus bha e ’toirt a chothroim dhaibh gu math tric. Dh’ aidich e a chionta o chionn ghoirid ’s chaidh a chur do dhachaidh anns nach teid aig air cron dhe’n t-seòrsa sin a dheanamh gu ceann cheithir bliadhna. Thainig duine dubh a stigh do bhaile ann an Texas an la roimhe, agus dh’ fheòraich e de chuid-eigin a thachair air an robh e fior gu’n d’ fhuair na tràillean an saorsa. Bha e o chionn da fhichead bliadhna ’s a coig ag àiridh am monaidhean Mhecsico, agus cha robh e ’faotainn sgeul sam bith air na bha tachairt ’san t-saoghal mhor m’a thimchioll. BARDACHD NA FEINNE. DAN AN DEIRG MHIC DRUIDHINN. (Air a leantuinn). Ghluais iad an sin gu Sealama, Gu righ uasal a’ mhoir theaghlaich, Mac Druidhinn nan geur lann buadhach, Is Raoine ’s an Caol crodha fo gheill dha. Gu ’n d’ éirich an sin triath Shealama, An righ ro àghmhor, Mac Chumhail, Is fir mhòr’ dhireach, dheas, dhealbhach; ’S bu lionmhor fear donn bhrait sròil An taigh mo righ, is fleagh is ceòl. Labhair righ na Feinne gun tàir: “Sibhse ’tha ’n làimh aig an treun-fhear, Ma thogas sibh airm ’na aghaidh, Na sloinnibh air teaghlach Threinmhoir.” Suidheadh treun fhir Innis-Phail A ghabhail sgéil o chlann an righ, ’S e thainig ugainn air a’ mhagh Am fear foistinneach, fior-mhala. Dh’ fhàiltich e sinn le fòil Am fear mòr a b’ fhearr doigh. Shuidh an Dearg ’s nior thiom, ’S gu ’n d’ fhàiltich e righ na Feinne. “Brigh do thuruis gu Sealama, Innis, a laoich a’s àille dealbh.” “’S e beachd mo thuruis-sa dhut, A mhic Chumhail, de shliochd Threinmhoir, Greis de ’n rioghachd b’ àill leam uat, Ar neo cruaidh-chòmhrag m’a timchioll.” “Geill na rioghachd thoirt thar sàl, ’S mairg a dh’ iarradh e gun treun-fhir.” “Mur am faigh mi uaitse sin, Còmhrag ceud de fhearaibh calama, Thoir dhomh air mhaduinn am màireach.” Chuir sinn am mach a chum doruinn, Bratach Fhearguis mo bhràthar, Is thog sinn am mach bratach Chaoilte, An Dubh-nimhe aobhach, annrach; Thogadh suas mo bhratach fein, ’S a solus mar ghréin an duibhre; Is thog sinn am mach an Liath-luinneach, Bratach Dhiarmaid òig o Duibhne. ’N sin chaidh iad an dàil a cheile, Slòigh an Deirg is Suinn na Feinne; ’S bu luaithe na greanna-ghaoth earraich Sinne ’dol an tùs na t-eug-bhoil. Na bu luaithe na milte de shruthaibh A’ ruith an aon slugan o àrdaibh, A bhiodh a’ beuchdaich gu treun meanmnach Le toirm gheamhraidh o gach fàsach. Cha bheuchdadh treun-thonn na tuinne, ’Nuair ’bhuaileadh e ri creagan àrda Le neart na gaoithe tuath ’san fhaoilteach Da stuadhadh ri gaoir an ard-chatha. Ceart choimeas còmhrag nam fear Cha ’n fhaca mi riamh ri m’ latha. Ghluais iad ceud de phobull Fhinn, De threun-laoich le ’n arm-faobh’r grinn; ’S bu lionmhor fear òg air a’ mhagh Bha ’togairt gu dol ’na chodhail. Mharbhadh leis ar ceud gun dàil, ’S bha ’n Dearg a’ neartachadh ’na chàil; ’S gu ’n calcadh e a lann ’s a sgiath ’San dian-stri fhuileachdaich, bheumnaich. Gu ’n d’ thainig ugainn an dara màireach Fionn mac Chumhail gus an ar-fhaich, Le naoi mile gaisgeach glan Gun easbhuidh tograidh gu còmhrag: Bha lùireach clogad agus sgiath Air gach fear dhiubh sud a’ triall, ’S bha lann is sleagh an dorn gach laoich, ’S gàir-chath air a glaodhaich le Conan. Rinn gach aon de ’n naoi mile ’chleas-luith; ’S bu mhor an t-aobhar mi-ruin Bhith ’g amharc air spionnadh gach neach; Ach gu ’m b’ fhada o Dhearg an t-eagal. Gu ’n d’ bheannaich mac Chumhail gun tàir, ’S cho-fhreagair an Dearg dha; ’S gu ’n d’ iarr e cumha gu luath Air righ na Feinne, ar neo comhrag. “Ged is math do lamh-sa, fhir,” ’S e labhair Fionn flath na h-Alba, “Do thoil idir cha toir sinn dhut, A Dheirg, air eagal comhraig.” “Ma ’s ann ugamsa ’thriallas sibh, A laocha, le ’r n-armaibh comhstri, Comhrag tri cheud de fhearaibh treun’ Bheir thu dhomh is mi leam fein, ’S gu ’n sgar mi an cinn o’n corp, A mhic Cumhail nan arm nochdt’.” An sin do chuir Fionn gun euradh Tri cheud a ghleachd a’ churaidh; ’S cha b’ fhada dhaibh ri cluich nan sàr-chleas, ’N uair a sgar e ’n cinn o ’m bràghad. Is tri cheud eile ged bhiodh ann, Cha seasadh iad roimh ’n Dearg threubhach; ’S bha ’n Dearg air mhireadh ’chum liodairt Mar mhaoin strutha nan tonnan beucach. Dh’ eirich Faolan le feirg mhòir, Is thog e ’ghuth am measg an t-slòigh, Is thug e brosnachadh chum catha, Gu cosnadh mic an ard-fhlatha. Ceò fola ruadh do bhi de ’n sgiathaibh, ’S cith teine a’ dol anns na neulaibh, ’S e bha o lannaibh nam milidh, Gus ’n do bhristeadh leoth’ an arma, Air an corpaibh seimhe geala. “A mhic Morna nach meata gniomh, A laoich chrodha na calamachd, Fhir neartmhoir ’bha riamh d’ ar cabhair A cheann gaisge a’ mhòir shluaigh, Cuimhnich do spionnadh ’s do thabhachd, Cuimhnich na laithean ’chaidh thairis, Cuimhnich air tarcuis na Feinne, Ar n-òg-mhic leonta ’s ar mnathan deurach. Gheibheadh tu sud, thuirt an t-àrd-righ, Cumha nach d’ fhuair neach ri d’ linn, Ceud lùireach is ceud lann, Ceud cù le slabhraidh òir, ’S do rogha dhe na seudaibh a’s fhearr, Tha staigh ann an Seallama an t-soluis; Do rogha bean òg anns an Fheinn, Mo nighean fein a laoich iomlain.” “Bheir mise mo chomhnadh dhut Fhinn.” Thuirt mac Morna le guth neo-thiom; “Is leat mi fein ’s mo spionnadh garg, An latha catha agus cruadail.” Ghluais mac Morna nan cruaidh-bheum àigh ’Na chulaidh chatha lan feirge; ’S bha crith air an talamh fo chasan, ’N àm tachairt ri Dearg mac Druidhinn. Thogadar an sin an fholachd Eadar an dithis ghaisgeach threuna; ’S bha snaigheadh chlogad is cheann Eadar mac Druidhinn is Iulain. Thug iad gu garbh anns a’ ghreis. ’S cho-fhreagradh mac-talla nan creag: Is theich na h-eoin do ’n iarmailt shuas ’N àm eisdeachd torunn an sgiathan. ’S gu ’n do thosd fir nam Fianntaidh uile, Ag eisdeachd ri buillibh na h-iorguill. Seachd oidhchean agus seachd lathan, Bu tùrsach ar fir ’s ar mnathan, Gus an do thuit le Goll crodha An Dearg ro-ghlan mac Druidhinn. La is bliadhna do bhith Goll A’ leigheas a chneatha trom, ’S bha fleagh is ceòl ann ar teach Toirt spionnaidh cridh’ do Gholl mac Morna. Bha mis’ is Feargus is Faolan An teach aobhach ar n-athar uasail; Mis’ a’ seinn cliù nan treun-laoch, Is iads’ a’ foghlum luth-chleas is cruadail: Theicheadh gach tannasg roimh ar buillean, ’S gach sàr-cheann-feadhna gheibhte buaidh air: ’S ged tha mi ’n diugh gu h-aosda liath, Bu shàr-laoch treun mi anns an uair ud. Cuairt nam flath gur ait leam fein, Gu faonach nan tannasg gun bheum, Far ’n do chuireadh gach folachd air cùl, ’S am bheil na seòid a dh’ aon rùn: Tha codhail nan cathan an sìth, ’S iad air sgiathaibh na doinninn gun strì, Gun bheum sgéithe, gun fharum lainne An comhnuidh thosdach na caomh-chloinne. Tha sliochd Lochlann is Fhinn gu h-àrd, Ag éisdeachd caithreim nan aon bhàrd: An ùigh cha ’n ’eil tuilleadh ’san strì, ’S gun uireasbhuidh sithinn no frìth. Tha ’n sùil air na bliadhnaibh a thréig, Le snotha gun ghean mar mi fein, ’S air raon nan ruadh-bhoc le ioghnadh, O’n glas-eideadh air mharcachd-sìne. Mar sgeul nam bliadhna chaidh seach, Air iteig fhaonaich le ’n ciar-dhreach, Tha aisling na beatha dhuibhse, a fhlathaibh, Mar tha dhòmhsa Dearg nan cathaibh. [TD 183] [Vol. 11. No. 23. p. 7] ORAN DO CHATAIBH. LE IAIN MUNRO. AIR FONN—“The Battle of the Boyne.” LUINNEAG. O théid sinn, théid sinn, le suigeart agus aoidh, O théid sinn, théid sinn, gu deònach, O théid sinn, théid sinn, thairis air an t-srùidh, Gu mùinntir ar dàimh is ar n-eòlais. Ged bha sinn bliadhntan fada, fada bhuath Am Baile-Chluaidh’ a chòmhnuidh, Tamull beag gun tréig sinn ar gairm ’s a nis gun téid sinn A dh’ fhaotainn an gràidh is an còmhraidh. Gu ’n doir sinn cuairt ’rithist do ’n taobh tuath, Is théid sinn ruaig do Dhòrnach, ’S chi sinn Droit-an-àigh, ’s fa comhair air gach taobh, Caistealan is pàircean is lòintean. Chi sinn an Caol, air am faca sinn le gaoith, Bàtaichean aotrom a seòladh, Chi sinn na beanntan, a ghleidheadh sneachd ’san t-samhradh, Is chi sinn na h-àbhnaichean bòidheach. Chi sinn na glinn anns an d’ rugadh sinn, ’M bu ghnàth leinn bhi aotrom, gòrach, ’S chi sinn na coilltean, le aighear is toil-inntinn, ’M bu ghnàth leinn bhi cluinntinn nan smeòrach. ’S chi sinn na cluain air am biodh laoigh is uain Ri mire gun ghruaim anns an ògmhios, ’S chi sinn na h-aonaich air an ionaltradh na caoraich, O’n d’ fhuair sinn sàr aodaichean còmhdaich. Chi sinn na raoin le blàth a bheallaidh chaoin, ’S a chéitein ’bhios aobhach is bòidheach, Is chi sinn na bruachan fo sgail a bharraich uaine, Gu tric anns na bhuain sinn an t-sòbhrach. Chi sinn an lag, ’s an t-eas gu beucach, grad, ’S am bradan a leum suas na ’chòdhail, Chi sinn am badan, ’s am bitheadh coilich bheadrach, Ri co-chath ’sa mhadainn chiùin, cheòthair. Chi sinn gach sliabh, air am bitheadh greigheann fhiadh Ri mire air riasgan, ’s air lòintean, Is chi sinn an lagan eadar àrd nan cragan, ’S an caidleadh an earbag air chòintich. ’S chi sinn gach loch o ’n tric an dugadh steach Bric mheanbh-bhallach, airgiodach, bhòidheach, ’S mu ’m bitheadh an cù-donn, a shiubhladh fo an tonn, ’S eal’ a snàmh os a chionn ann am mòr-chuis. ’S chi sinn gun ghruaim a bhanarach le ’fuaim ’Sa bhuaile, gu duanagach, òranach, A bleoghann a chruidh-ghuaillinn, is iad a’ sgur de nuallain, Le taitneas toirt cluais agus deoin di. ’S iomadh, ’s iomadh ni, a chi sinn anns an tir, Nach saoilteadh thigh’nn ann nuair bu chlann sinn, Thar aiseag na coit, tha ragha, ragha droit, ’S an àite na croit baile-Bhanna. ’S rathad rioghail, réidh troimh chragan fhraoch is gheug, Is carbadan màil air an òrdugh, Gach la sios le srann is gach la suas le deann, Tre’n t-Sligeach is bhonn phreas-an-òrdain. ’S deagh fhearann ùr a rinneadh le mor shaoth’r Bho chruaidh bhlaran fraoich agus mòintich, Is iomadh leathad cruaidh bha riamh gu so gun bhuaidh, Le òg-ghiubhas uain air a chòmhdach. Deòlaidh sinn as ùr gaoth is athar cùbhr’, Bheir slaint agus sùrd dhninn is sòlas, Ar cairdean bheir iad duinn aran, cais agus ìm, ’S deoch laidir da ’n dram, agus ceòl leis. Ged tha sinn an céin an nochd o ar tir, ’S o ’r caomh chairdean gaoil is sean eòlaich, Olaidh sinn le rùin, deagh shlainte dhaibh gach aon, Is buaidh do dha thaobh Caolas Dhòrnaich. Rugadh Iain Munro ann an Suardail an sgìre Chrìche an Cataibh ’sa bhliadhna 1791. Chaidh e do Ghlaschu an 1808 gu bhith na chléireach. Chaidh e do Chataibh a shealltainn air a mhathair an 1825. Is ann an uair a bha e a deanamh deas gu dhol air an turas sin a rinn e an t-oran air Cataibh. Chaochail e an Glaschu an 1837. Bha e na dhuine math is na dhuine measail. Tha sgeul ag innse gu bheil Andra Carnegie a tairgsinn da cheud mile dolair a chosd a’ dearbhadh gu robh Sir Eachann Domhnallach neo-chiontach dhe ’n mhi-bheus a bhatar a’ cur as a leth. Tha moran ann dhe’n bharail gu robh Sir Eachann a’ fulang ana-ceartais bho na h-ofigich eile, ’s gu robh iad daonnan a’ nochdadh gamhlais ris a chionn nach robh e de theaghlach uasal mar tha mhor chuid dhiu fein. Co-dhiu tha sin fior no nach eil, is còir firinn na cùise fhaotainn. Ma bha e neo-chiontach, thatar a deanamh eucoir air cliù agus cuimhne an t-saighdeir bu tapaidhe bha ’san arm Bhreatunnach. Agus ma bha e ciontach, thatar a’ deanamh eucoir orrasan a bha cur chiontan as a leth. Bidh airgiod Charnegie air a chur gu deagh bhuil ma bhios e na mheadhon air an fhirinn a thoirt am follais. Tha Amy Mhoraidh aig an àm so a’ cur cuairt air na Roinnean Iochdrach, agus, mar is àbhaist, a coinneamhan ciùil a toiat toileachas inntinn do na h-uile tha ’dol ga ’h-eisdeachd. Tha i na ’seinneadair Gàilig fior thaitneach, agus chomhairlicheamaid do na Gàidheil a dhol ga ’cluinntinn ’s gach àite ’m bi i. Bidh i ann am Bridgeport oidhche Di-luain s’a tighinn, Maigh 18; ann am Baddeck oidhche Di-ciaduin; am Port Hood, oidhche Dior-daoin; ’s am Broad Cove oidhche Di-haoine. Di-dòmhnaich s’a chaidh bha teine mor ann an Ottawa. Bha ceithir ceud tigh air a losgadh agus dh’ fhàgadh mu dha mhile sluaigh gun dachaidh. Bha an teine air fhadadh le fear a bha beagan ùine roimhe sin air a leigeil a mach as an tigh-obrach far an robh e fo bhinn deich bliadhna airson teine fhadadh ’sa bhaile cheudna. CLARSACH AN DOIRE—Is còir dhaibh-san a tha air-son an leabhar luachmhor so a chosnadh dol a dh’ obair. Cha mhair an tairgse thug sinn seachad ach fhad ’sa mhaireas na th’ againn de na leabhraichean air làimh. A’ “Chlàrsach” a nasgaidh do neach sam bith a gheibh triùir luchd-gabhail ùra. Tha “bill” fa chomhair na h-àrd phàrlamaid gus an t-ainm aig Hudson Bay atharrachadh. Thatar a’ toirt mar reusan air-son sin a dheanamh nach bàgh a th’ anns an uisge sin idir ach muir. ’S e ’n t-ainm a thatar a dol a thoirt air “a’ Mhuir Chanadach.” Chaidh fheòrach de dh’ Uilleam beag dé ’n aois a bha ’sheanair. “Gu dearbh, cha ’n eil fhios agam,” ars esan, “ach feumaidh gu bheil e uamhasach sean; tha e’fuireach còmhla ruinne riamh o’n is cuimhne leam.” Tha baile Shidni Tuath a tairgsinn coig ceud dolair mar dhuais do ’n neach a bhrathas mortair Iain Kelly. Tha e gle choltach gu bheil e air teicheadh, agus nach gabh e faotainn mur teid a bhrath le aon de luchd-dùthcha fein. Tha an t-ard-riaghladh a’ gealltuinn an rathad-iaruinn a leantuinn o Shidni Tuath dh’ ionnsaidh na mèinne agus a Bhras d’Oir Bhig. Bidh rathad-iaruinn na dheisealachadh mor do’n da àite so, ’s tha sinn an dòchas nach cuirear dàil ann an coilionadh a’ gheallaidh. Ami Mhoraidh. Tha a bhan-òranaiche so a choisinn Duais air-son seinn aig a’ Mhòd Ghàidhealach ri cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach am miosan Màigh is Iun. Tha i toileach còrdadh a dheanamh air-son concerts a chumail an caochladh àiteachan, agus gheibhear gach fiosrachadh a thaobh nan amannan ’s nan cumhachan le sgriobhadh uice mar a leanas:— MISS AMY MURRAY, 20 West 28th Street, New York, N. Y. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. . EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 184] [Vol. 11. No. 23. p. 8] FIONNAIRE. Tha ’n latha maith, ’us tha ’n soirbheas ciùin, Tha ’n ùine ruith ’s i ’tarruing dlùth, Tha ’m bàta ’feitheamh fo a siùil A bheir mi fad’ o Fhionnaire. Eirich agus tiugainn o, Eirich agus tiugainn o, Eirich agus tiugainn o, Slàn, slàn, O slàn le Fionnaire. Tha mile mile ceangal tlàth An diugh a’ faotainn beannachd gràidh; Mo chridhe am chom air call a bhlàths A fàgail fàrdach Fhionnaire. Eirich, &c. Le ceumaibh stolda thriall mi fein Gu tric mu chaisteal righ na Feinne. ’Us dh’ éisd ri ciobairean an t-sléibh A’ cantuinn sgeulachd Fhionnaire. Sheas mi gu minic air an raon, Bho ’n d’ aithris Oisein dàin nan treun, A’ caoidh gath deireannach na greine, ’S mi triall thar dun na Fionnaire. Aig allt na Calaich, sruth mo ghaoil, Le thorman binn ’dol seach an raon, Bu shona m’ fhaireachduinn ’s bu chaoin Aig bruachaibh sèimh na Fionnaire. Slan le beanntaibh fhuair nan sian, Slan le teach nan earb ’s nam fiadh, ’Us eireadh ceileir eun gun fhiamh Bho aonaichean na Fionnaire. Cha ’n e na cnoic no glinn nan craobh A mhain ’tha dùsgadh bron mo chléibh. Tha buidheann thùirseach ’nis am dheigh An dachaidh bhlàth na Fionnaire. Gleann Turraid cuimhnicheam gu bràth; O slan le m’ athair laoch nan sàr; Leibh tuineadh sonas mor ’us àgh An dachaidh bhlath na Fionnaire. A mhathair thlusail lan de bhàigh, Am feum mi falbh bho ’r cùram gràidh, ’Us deuchainn ’thoirt do shaoghal gun tlàths, Fad’ as uaibh fein ’s bho Fhionnaire. Slàn le bràthair gaoil nam buadh, ’S air bron aig piuthar na biodh luadh, Do thuireadh ceil, ’s gach osnaidh chruaidh: Bithibh sona ’ghnath am Fionnaire. Gu deanadh Dia ort faire ’s foir, Ghilleasbuig aillidh, oig, gun treoir, Ma philleas mi o faiceam fòs Do ghaire maoth am Fionnaire. Am feum mi falbh bho theach mo ghràidh— O faic na siùil g’ an cur an àird;— ’Us soraidh fòs le tir an àigh; Slan, slan, o slan le Fionnaire. CONA. A CHRUINNEAG ILEACH. Och mar tha mi ’s mi ’nam aonar! ’S cianail dh’ fhàg thu mi ’n déigh do chòmhraidh, Mo chreach ’s mo dhìbheil nach robh mi’n Ille ’S mo chruinneag dhìleas a’ dol a phòsadh. ’S ann an dé fhuair mi’n sgeul a léir mi, Mo leannan fhéin ’s i air bheul bhi pòsda, ’S ma thug thu gealladh dh’ fhear eile ’m dhéigh-sa Gu ’n cuir mi ’n céill pàirt do d’ eucoir dhòmh-sa. Moch ’sa mhaduinn an àm dhomh dùsgadh Shil mo shùilean a’s dh’ fhàs mi brònach, Mu’n sgeul a chualas air feadh an t-saoghail Thu bhi ga d’ ghlaodhaich, a ghaoil, Di-dòmhnuich. ’S iomadh moch-thrath agus anamoch A rinn sinn seanachas ’s a bha sinn còmhla; Sgeul tha dearbhta gu’n d’ fhàs thu searbh dhiom Ged bha do sheanachas a’ dearbh’ dhomh dòchais. Chuir mi ùigh agus chuir mi sùil annad Feuch an dùraichdeadh tu mo phòsadh, Bho’n ’s e fear ùr leis an d’ rinn thu lùbadh, ’S e cridhe brùite a thug thu dhomh-sa. Leugh thu m’ inntinn mar leugh Delilah, Do bheul ’am bhrìodal ’s do chridhe leòn mi; ’S inntinn luaineach mar ghaoth nan cuantan ’S gu ’n dhearbh do ghluasad mi-shuaireas dhòmh-sa. Cha chuirinn sìos ort air son do mhì-chliù, Tha Solamh ’g ìnnseadh an nì tha sònruicht’ Bean ’s a’ mhìle cha d’ fhuair e dìleas, Ach leugh am Bìobul a’s chì thu’n còrr ann. Bheirinn bradan bhar an t-sàile, Fiadh bho airde nam fuar-bheann mòra; Agus eala bho bharr an t-sléibhe Gu’m rogha céile fo ’m sgéith, ’s i leòinte. Cha ’n ’eil mi ’n diùmb’ riut ged thug thu cùl rium, Bho’n ’se fear ùr tha thu ’n dùil ri phòsadh, Na taobh ri ùmpaidh nach labhair ciùin riut Bheir cridhe brùite ann an cùil gun treòir dhuit. Thug thu choill ort ’s cha d’ rinn thu m’ fhoighneachd ’S e fear gun chaoimhneas a rinn thu phòsadh, Toil do chairdean a thug ’na dhail thu ’S na ’n robh mi lamh riut cha d’ rinn thu ’n còrdadh. Thug thu ’n àirde bha ’n ear ’s an iar bhuam, Thug thu ghrian bhuam bhàr na mòintich, Thug thu ’n cridhe bha stigh am chliabh bhuam, ’S mur d’ thoir thu ’n ciall bhuam cha ’n aobhar bhròin e. Mo cheisd air ainnir na bilean tana Do shlios mar eala ’s do mheall-shuil bhòidheach, Do dhà ghruaidh ’s iad air dhreach nan caoran. Do mhala chaol ’s i mar it’ an lòn-duibh. Tha mi so ’s mi air lagan uaigneach, A’ caoidh na gruagaich a rinn mo leònadh, A rinn mo bhuaireadh le meud a suairceas ’S gu ’n cunntainn suarach te uasal, òrdail. BAS. Ann an Sidni, air a cheud latha dhe ’n mhios so, Eighrig Nic Aonghais, (Eighrig nion Dhomhuill ’ic Alasdair) bean Dhomhuill Mhic-a-Phearsain. Rugadh i ann am Beinn-a-bhaoghla an Uidhist o chionn ceithir fichead bliadhna ’sa coig air ais. Thàinig i am mach do’n dùthaich so maille ri ’companach anns a’ bhliadhna 1841; agus ’s iomadh anacothrom a dh’ fhuilig i ann an làithean a h-òige. Bha i na ’bean fhoighidneach, dhiadhaidh, mheasail, a bhios air a h-ionndrainn leis na mic, nigheanan, is oghaichean a dh’ fhàg i as a déigh. Tha na Gaidheil ’s na bana-Ghaidheil a thainig am mach as an t-seann dùthaich maille rithe agus na ’déigh a fàs glé ainneamh. Ach tha fhathast fear is té an sud ’s an so dhiubh air am fàgail. Tha fear Domhnull Mac-an-t-Saoir a sgriobhadh á Beinn-a-bhaoghl, Alba, gu caraid ann am Mèinn Chaledonia, faisg air Sidni, ag iarraidh fiosrachadh mu bhrathar-athar, Donnachadh Mac-an-t-Saoir, a dh’ fhag Beinn-a-bhaoghla o chionn iomadh bliadhna air ais agus a chaidh do na Staitean. Ma tha fios aig leughadair sam bith air dad mu dhéidhinn an duine so, no mu dhéidhinn fear no dha eile de Chloinn-an-t-Saoir a thàinig am mach do na Staitean còmhla ris, sgriobhadh e gu DONALD MACINTYRE, Muir of Aird, Benbecula, South Uist, Scotland. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. o., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton [TD 185] [Vol. 11. No. 24. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 29, 1903. No. 24. Mu Theachd a Stigh an t-Samhraidh. “Tha ’n geamhradh seachad, tha ’n t-uisge thairis, dh’ imich e roimhe. Chithear na blàthan air an talamh, tha àm seinn nan eun air teachd. Tha ’n crann-fìge a’ cur a mach ’fhìge glasa, agus tha dearcan maoth’ a’ chroinn-fhìon’ a’ toirt fàile cùbhraidh uatha.—Dan Sholaimh, ii. 11-13. An diugh tha ’n Samhradh a’ tòiseachadh! ’S iomadh aobhar toileachais-inntinn a tha e ’toirt duinn agus dearbhadh air caoimhneas agus càirdeas neo-chrìochnach an Uile-chumhachdaich. ’S e so an ràidhe sona sin, anns am bheil Dia a’ taomadh a mach saoibhreis a mhaitheis anns an tomhas a’s pailte air gach ni agus neach. Is sunndach càil gach beò-chreutair. Tha réite agus ciùineachd air dùilibh an domhain. Tha blàths agus aoibhneas a mach air feadh an t-saoghail, agus cha ’n ’eil obair eile aig an t-Samhradh, ach ag uidheamachadh air son gach ni ’tha feumail agus taitneach do mhac an duine, agus freagarrach gu àrd thaingealachd a dhùsgadh ’na chridhe. Tha ’m pòr a chuireadh a’ teachd a nis a mach ’na fhochann bòidheach; tre chumhachdaibh dìomhair nàduir, le feart na gréine, tha meas de gach seòrs’ a’ fàs anns na liosaibh. Fo mhìle suaicheantas rìomhach chithear lusan na machrach a fàs gu dosrach ùrar; cha robh Rìgh Solamh riamh air ’éideadh cho àillidh riu. Nach lionmhor an àireamh, agus nach maiseach an snuadh! Nach dealaichte o chéile ’nan gnè ’s ’nan coslas gach feòirnein agus lus, gach preas agus crann a tha ’nis a’ fosgladh a mach an duillich, o’n chòinnich ìosail uaine gu ruig an darach làidir, rìgh nan craobh! Siubhlamaid far an àill leinn, gu mullach an fhirich a’s àirde, gu uaigneas a’ ghlinne a’s ìsle, tachraidh oirnn anns gach àite àilleachd ùr. Ma shuidheas sinn air bruaich na h-aibhne, nach binn torman ciùin an t-sruth’ a’ siubhal seachad oirnn gu réidh, sàmhach do ’n chuan mhòr. Nach bòidheach na blàthan maoth’ a tha ’fàs mu bhruachan nan allt,—an t-sòbhrach, a’ bharra-gheall, ’s an neòinein, a’ bhiolair uaine, ròs nam bad bòidheach, ’us mìle lus nach fhaodar àireamh ’s an àite so. Amhairc os do cheann, nach glòrmhor dreach nan speur,—amhairc air an làr agus faic an trusgan uaine leis am bheil na cluainean air an còmhdachadh. Eisd ris a’ cheòl a tha m’ ad thimchioll: tha ’chòisridh cheòlmhor a mach air gach preas, gach doir’ agus gleann a’ co-fhreagradh d’ am fàilte. Cluinnear fad as fuaim nam feadan uisge, turaraich chianail nan eas, agus onfhadh trom a’ chuain. Chithear caoraich le ’n uain bheaga, gheala a muigh air an raon. Tha buaile ’chruidh ghuaill-fhinn air an todhar, tha na laoigh ghuanach a’ mireag air an àilein. Chuir fiadh nan stùc suas a shuaicheantas samhraidh, is àrd a langan ’san fhrìth! Ann an aon fhocal, tha mìle ni r’a fhaicinn agus r’a chluinntinn ann an òg-mhios an t-samhraidh a bu chòir ar taingealachd a dhùsgadh do ’n Ti àrd agus ghlòrmhor, a chàirich gach ni de ’n t-seòrsa so mu choinneamh ar sùl, a thug tuigse dhuinn gu eòlas a ghabhail orra, agus riarachas inntinn a tharruing uatha. Ach àillidh mar tha tùs an t-samhraidh, cha mhair e fada; latha no dha seachad agus fàilnichidh a dhreach. Agadsa, mar an ceudna, a dhuin’ òig, tha do shamhradh féin: ’s taitneach e, ach O! cha ’n ’eil e ach gearr! Ann an ùine ghoirid, caillidh an saoghal dhutsa mòran d’a àilleachd, fàilnichidh na nithean sin a thug dhutsa sonas a’d’ òige. Ma shìnear do làithean, lionaidh cùram an t-saoghail so do chridhe, agus canaidh tu mu ’n aimsir a tha ’dol seachad, “Cha ’n ’eil tlachd aig m’ anam innte.” Do d’ ionnsuidh-sa, O mo Dhia! thogainn suas mo chridhe; gabh thusa, m’ anam, tlachd ann an Dia, agus bheir e dhuit gach maith ’na thràth. Dha-san gu ’n robh samhradh mo làithean air a choisrigeadh. Gu ’n deònaicheadh e dhòmhsa ’bhi beò air an t-samhradh so mar nach faicinn a h-aon eile. Is iomadh caraid agus bana-charaid a bha ann an òg-mhios a’ chéitein a dh’ fhalbh, a’ deanamh gàirdeachais maille riumsa ann an àilleachd an t-saoghail, nach ’eil na ’s fhaide r’ am faotainn; thàinig samhradh eile mu ’n cuairt le ’bhlàths agus le ’shòlas, ach ’s ann gu dealradh air an fhòid ghorm a tha thairis orra. Co dha a thachras so air an ath-bhliadhna, agads’ a Dhé a mhàin tha fios. Cuidich leamsa, uime sin, gu thus’ a ghlòrachadh leis na h-uiread dhùrachd ’s ged bhithinn cinnteach gu ’m bu mhis’ an t-aon; a chum ’nuair a theid an saoghal caochlaideach so seachad, gu ’m bi m’ anam-sa, trid ìobairt-réitich mo Shlànuighir, air a ghabhail a steach do ’n t-saoghal àghmhor sin far am bi là gun oidhche, agus samhradh gun gheamhradh; far an siabar gach deur o’n t-sùil, ’s nach sgarar caraid o charaid a chaoidh.—Caraid nan Gaidheal. An Righ an Alba. Thàinig an Righ tuath an uiridh agus rinn e e-féin càirdeil, caoimhneil ’na thurus gu còrsan nan Gàidheal; agus a nis air an t-seachdain so tha e ’ga fhoillseachadh féin ann an seann àrd bhaile ar rioghachd mar Rìgh na h-Alba. Tha e ’na ioghnadh le mòran gu ’m bheil a shlàinte, a bha cho briste an uiridh, a’ ceadachadh dha a bhi dol troimh na h-uile dhleasnais throm, dheuchainneach troimh an deachaidh e o cheann ghoirid. Bhiodh mòran de fheadhainn luath, làidir a bhiodh glé sgìth ’nan gluasad am measg dleasnais troimh ’n t-seòrsa ud. Fhuair e fàilte chridheil an Dunéideann, agus mar an ceudna an Glaschu, far am bheil iomadh de Ghàidheil a chi annsan Righ aig am bheil fuil àrd sliochd a’ Ghàidheil a’ ruith ’na chuislean. Car beagan làithean mar so bha a’ Chùirt Rioghail air a gleidheadh an Dunéideann, agus bha moran de dhaoin’-uaisle agus de mhnathan-uaisle a fhuair cuireadh a bhi làthair. Bha lionmhoreachd mhòr de shluagh a’ cuairteachadh gach sràid is rathad a dh’ fhaicinn am mòrachdan, an righ ’s a bhanrigh.:—Oban Times, May 16. Tha litrichean is paipeirean a thainig á Ceylon o chionn ghoirid a’ cur an geill nach eil dearbhadh sam bith ri fhaotainn gu robh Sir Eachann Domhnullach ciontach de na bhatar a’ cur as a leth. Tha aon de na paipeirean ag radh gu bheil sluagh na dùthcha sin a’ làn chreidsinn gu robh e neochiontach, agus nach robh anns na casaidean a bhatar a’ deanamh na aghaidh ach obair gamhlais is mi-ruin. Ma theid a dhearbhadh gu robh Sir Eachann saor o chionta, bheir e toileachadh mor do na Gàidheil ’s do na Breatunnaich uile, a tha mar shluagh na ’s measaile air neach a choisneas àrd-inbhe le thapadh ’s le ’dhichioll fein na tha iad airsan a gheibh àrdachadh a chionn gur spealg de theaghlach uasal e. Is bochd an gnothuch e ma tha daoine ann an dreuchdan àrda ’san arm agus fo ’n Riaghladh Bhreatunnach a tha cho gann de spiorad a cheartais ’s gu ’n rachadh iad a thoirt a chliù bhar duine neochiontach, gun aobhar sam bith ach nach d’ fhuair e bhreith is àrach a réir an càile-san. Ach ma tha iad ann is còir an cartadh as, agus cha ’n eil fhios nach bi bàs muladach an Domhnullaich urramaich na mheadhon air sin a dheanamh. Bheir iadsan a tha gabhail MHIC-TALLA ann am Breatuinn fa-near gu ’m faigh iad am paipeir an deigh so air an aon phrìs ’s a tha luchd-gabhail ann an Canada ga fhaighinn—dolair (no 4s. 2d.) ’sa bhliadhna. Rinneadh riaghailt o chionn ghoirid a tha ceadachadh paipeirean-naidheachd á Canada a chur do Bhreatuinn gun postachd a phàidheadh. Tha so a’ toirt 26c. bhar prìs MHIC-TALLA do Ghàidheil na seann dùthcha. Bu chòir gu’m biodh àireamh a luchd-gabhail a meudachadh gu mor an Tìr nam Beann. Tha sinn air ar mealladh mur eil an “Gille Beag,” aig am bheil litir ’san àireamh so, na ’s mò na ’ainm. Cha ’n àbhaist do ghillean beaga bhi ann an trioblaid inntinn mu dheidhinn pòsaidh is roinn fearainn. Ach coma co-dhiù is beag no mor e, tha tomhas math dhe ’n fhìrinn anns na bheil e ’g radh. Tha e dleasanach do na daoin’ òga bhi gu math dh’ am pàrantan, agus fhaicinn nach bi dìth no deireas orra na ’n sean aois. Agus tha e cheart cho dleasanach do na seann daoine ceartas a thoirt do na daoin’ òga. Cha ’n eil e ro-thaitneach do dhuine bhi saoithreachadh gu goirt air fearann gach latha dh’ eireas e, mur bi dòchas aige ri ’thuarasdal fhaighinn gus an dean ’athair tiomnadh. Tha sinn dearbh chinnteach nach e “Gille Beag” leis fhein a tha gearain air a shuidheachadh ’san dòigh so. Cha bhiodh e iomchuidh breith a thoirt air cùis cho cudthromach rithe so gun tuilleadh rannsachaidh, agus air an aobhar sin bheir sinn cuireadh do dhaoin’ òg’ eile am barailean a chur an geill mar a rinn am fear so. Faigheamaid mar an ceudna am barailean fein bho na seann daoine, agus faodaidh e bhith gu ’n dean an iomlaid bharailean sin feum taobh air thaobh. Mur dean e feum is cinnteach an ni nach dean e cron. [TD 186] [Vol. 11. No. 24. p. 2] A thaobh càirdean is luchd-eòlais a bhi mùgach is luath-bheulach mu nithean, a reir barail an duin’ òig, nach buin daibh, cha chuis sin anns an dean barail no comhairle mar a’s trice mor fheum. Is iomadh deagh phòsadh agus droch phòsadh a chaidh a dheanamh le toil agus an aghaidh toil chàirdean. Is ann dha fein a tha ’n duin’ òg ag iarraidh mnatha, agus cha ’n ann dha chàirdean, mar sin deanadh e-fein a taghadh; ach air a shon sin na biodh e os ceann comhairle ghabhail o neach anns am faod e deagh earbsa chur, oir tha fear a tha trom ann an gaol ro-fhurasd’ a mhealladh. “Ma tha gach nighean na ’deagh nighinn, co as a tha na droch mhnathan a tighinn?” Naidheachdan. Chaidh fear Frank Mills, a mhuinntir Green Bay, Newfoundland, a mharbhadh aig a’ Mhèinn a Tuath air an t-seachduin s’a chaidh. Dh’ fheuch e ri leum air bòrd trein a bha air ghluasad, agus thuit e fo na cuibhleachan. Thatar an dùil gu’m bi an rathad iaruinn eadar Hawkesbury is St. Peters air fhosgladh mu mheadhan an t-samhraidh. Cha’n eil fhios cuin a bhios e fosgailte cho fada ’n ear ri Louisbourg; cha’n eil cinnt fhathast gu’m bi e air fhosgladh gu ruige sin idir. Tha Nobha Scotia dol a chall dithis dhe ’luchd-pàrlamaid ann an Ottawa. Thatar ag radh gu’n toirear aon dhiu sin bho Phictou, aig am bheil an dràsda dithis, agus an t-aon eile bho Cheap Breatunn. ’S e ’n seòl air an deanar sin siorrachd Victoria a chur a stigh ri siorrachd Cheap Breatunn. Ma nithear sin cha ruigear a leas beantainn do chriochan nan siorrachd eile. Tha cabhlach-iasgaich Newfoundland ann an tomhas mor na tàmh air an t-samhradh so le cion dhaoine. Tha moran de na soithichean nach gluais bhar na h-acaire am bliadhna, Tha àireamh mhor dhe’n t-sluagh a’ tighinn do Cheap Breatunn a chosnadh; re nan tri miosan a chaidh seachad cha bu lugha na seachd mile dhiu a thainig a nall. Tha sin ga ’m fàgail gann aig an iasgach, agus ged tha ’n t-iasg gu math pailt timchioll Labrador, cha bhi uiread dhe air a ghlacadh am bliadhna ’s a b’ àbhaist. Tha Ard-sheanadh na h-Eaglaise Chléireach ri coinneachadh am bliadhna ann am baile Vancouver, B. C. Tha iadsan a tha ’dol ga fhrithealadh a’ falbh deireadh na seachduin so. De Chleir Shidni tha dithis a’ dol ann, Mr. Clarence Mac-Fhionghain, á Sidni, agus Mr. Iain A. Mac-Glaisein, á Bridgeport. Thainig Mr. Forbes, Ministir St. Andrew’s, an Sidni, dhachaidh oidhche Diciadain s’a chaidh, an deigh còrr is da mhios a chur seachad air chuairt anns na Stàidean. Tha sinn toilichte fhaicinn a tilleadh le ùrachadh neart agus slàinte. Tha ’n sgeul mu dheireadh a fhuaireadh á Dominion No. 1 ag innse gu bheil an teine air a chur as gu buileach, agus gu bheilear air tòiseachadh ris an uisge thaomadh. Cha toir an obair sin ùine ro mhor agus mu thoiseach an fhoghair bidh a mhèinn air a h-obrachadh a rithist. Toiseach na seachduin s’a chaidh thòisich an t-uisge bhatar a leigeil do’n mhèinn so ri brùchdadh a stigh do Mhèinn an Reserve, agus b’ fheudar stad a chur air an obair ann am pàirt dhi. Cha d’ rinneadh call sam bith leis an uisge, agus tòisichidh an obair a rithist cho luath ’s a thaomar a mach roinn mhath dhe na tha ’sa mhèinn eile. Tha muinntir Shidni Tuath air fhaotainn riatanach suim mhor airgid a ghabhail an iasad airson am baile a chur air a bhonn air ’m bu chòir dha bhi. Aig coinneamh a bh’ aca oidhche Di-luain air an t-seachduin s’a chaidh, dh’ aontaich an sluagh ceithir fichead is sia mile dolair ($86,000) a chosd e meudachadh na h-obair-uisge, a leasachadh nan sràidean, a togail thighean sgoile, agus caochladh nithean eile. Tha am baile fàs gu bras. Tha an rathad iaruinn sràide eadar e agus baile na Mèinne faisg air bhi ullamh. Ni sin agus an aon obair-uisge bhi aca eatorra an da bhaile tharruinn na’s dlùithe dha cheile na bha iad roimhe so, agus cha’n eil teagamh nach bi iad an ceann beagan bhliadhnachan na’n aon bhaile. Seachduin gus an Di-luain s’a chaidh bha baile beag an Newfoundland, Tilt Cove, air a thur losgadh. Bha tri fichead tigh air a chur na ’smàl, agus bha mu choig ceud pearsa air fhàgail gun dachaidh. Chaill a mhor chuid dhiu an cuid aodaich is àirneis. Thainig Latha Bhictoria am bliadhna air Di-dòmhnaich, ach bha e air a chumail Di-luain anns an dòigh àbhaistich. Ann an so bha na tighean-gnothuich gu ire bhig dùinte, bha an t-sìde tioram ged bha i gle fhuar, agus chuir gach aon an latha seachad a’ deanamh an ni sin a bha ceart na shùilean fein. Chaidh duin’ òg a tha na ’fhoghlumaiche ann an Oil-thigh na Ban-righ, an Kingston, Ont., a chur do’n phriosan air-son ionnsuidh a thug e air uaigh a spùinneadh. Cha robh aige ri bhi ’sa phriosan ach da mhios, ach ged nach robh, chaidh iarrtus fa chomhair an Ard-riaghlaidh air-son mathanas a thoirt dha, iarrtus co-dhiù nach d’ fhuair éisdeachd. Tha sgoil mhèinneadaireachd ga ’cumail ann an Sidni an dràsda, anns am bheil teagasg air a thoirt seachad a thaobh meatailtean agus obrachadh mhèinnean. Tha an sgoil air a cur air chois le oil-thigh Dhalhousie. Dh’ fhosgail i air a cheathramh latha dhe’n mhios so, agus cha sgaoil i gus an dara latha deug dhe’n ath mhios. Tha àireamh mhath ga ’frithealadh. Ged tha ’n àireamh a’s mò de bhuill na h àrd-phàrlamaid dhe’n bheachd, bu chòir bacadh iomlan a chur air deanamh is creic nan cigarettes an Canada, cha’n eil am beachd sin ri bhi air a chur an cruth lagha. Chaidh bill a thugadh fa chomhair na pàrlamaid air-son sin a dheanamh a chur a thaobh, agus tha ’n riaghladh a deasachadh bill eile leis am bi e air a dheanamh na chionta an creic ri neach sam bith a tha fo shia bliadhn’ deug a dh’ aois. Tha am fear a mhurt Kelly ann an Sidni Tuath gun ghlacadh fhathast; thatar a deanamh mach gu bheil e air teicheadh. Dh’ fhàg dithis Eadailteach a Mhèinn la no dha an deigh do ’n mhurt a bhi air a dheanamh, agus cha’n eil teagamh nach b’ esan aon dhiu. Tha fear dhe’n triùir a chaidh a ghlacadh air a chumail gu bhi air fheuchainn aig a’ Chùirt Mhóir, ach ged bha lamh aig an fhear sin san aimhreit, cha’n eil e coltach gu’m b’ e bu choireach ri bàs an fhir a tha marbh. Tha e nis air a dheanamh cinnteach gu’n robh an sgiorradh bàsmhor a thachair faisg air Windsor Junction air aobharachadh leis an òl. Bha amharus gu’m b’ ann mar sin a bha chùis bho ’n toiseach, ach aig cùirt a shuidhich ceannardan an rathaid-iaruinn, chaidh a dhearbhadh. Air tàille na cùirte sin tha triùir dhiusan a bha coireach air an cur bhar an rathaid iaruinn agus tha iad ri bhi air am feuchainn mar chiontaich eile fo lagh na dùthcha. Tha e coltach gu robh a mhor chuid de sgioba na treine chaidh bhar an òrduigh air mhisg aig an àm, agus gu robh Copeland, fear na h-inneil, na chadal nuair bhuail an da threin na cheile. Chaidh fear Iain Domhnallach, Iain mac Iain Shaoir, a mhuinntir Mabou Bheag, a bhàthadh an Acarsaid Mhabou, Di-haoine an coigeamh latha deug dhe’n mhios. Bha e air a thurus dhachaidh am bàta-siùil nuair thainig oiteag gaoithe a chuir am bàta thairis ’s a thilg esan do ’n uisge. Ghreimich e ris na ràimh agus chaidh aige mar sin air e-fein a chumail an uachdar fad uair de thìm, ach mu’n d’ ràinig cuideachadh thug e suas agus chaidh e fodha. Bha e tri fichead bliadhna dh’ aois agus dh’ fhag e bantrach is teaghlach. Bha e na ’dhuine measail agus bidh mor ionndrain air anns an sgireachd ’san robh e fuireach. Bha teine mór ann an St. Hyacinthe, faisg air Montreal, air an fhicheadamh latha dhe ’n mhios so. Bha da cheud gu leth tigh air a losgadh, agus tha ceudan theaghlaichean air am fàgail gun dachaidh. Tha mu thri cheud gu leth duine air am fàgail gun chosnadh le losgadh nam factories anns an robh iad ag obair. Tha an call air a mheas aig leth muillion dolair. Cha ’n eil fhios ciamar a thòisich an teine. Tha teintean lionmhor anns na coilltean an Cuebec a’ cur moran fiodha a dholaidh agus a’ losgadh àireamh nach beag de thighean thuathanach. Ann an sgìreachd Labelle bha mu cheud tigh air an call ’san dòigh so. Tha tiormachd mhor anns a chearn sin o’n thainig an samhradh, ’s tha e gle dhoirbh na teintean a chasg. LITIR. “US,” NO “IS,” CO ACA A’S FHEARR? FHIR MO CHRIDHE,—Anns an dùthaich so tha e ’na chleachdadh a bhith ’cur an fhraoich ’na theine air na monaidhean anns an earrach. Cha ’n ’eil sibhse ann an America eòlach air a’ chleachdadh so; oir, a réir mar a chuala mise, cha ’n ’eil fraoch a’ fàs agaibh idir. A réir nam briathran a leugh mi an diugh anns an litir ghasda a sgriobh mo charaid Mr. Aonghas Mac Eanruig á Aird-na-murchan, g’ ad ionnsuidh, tha e coltach gu ’m bheil fraoch feirge nan Gàidheal air an taobh so dhe ’n chuan air a chur ’na theine le rud glé neònach, agus tha Mr. Mac Eanruig a’ fàgail ormsa gu ’n robh làmh agam anns a’ ghnothach gun fheum so. Tha e ’g ràdh: “Tha sinn a’ cur am mach air a chéile gu h-olc a bhos an so an dràsta mu thimchioll ’dé an giorrachadh ceart agus dligheach air son ‘agus,’” agus mar sin sios. Tha mi far an cuala mi a’ cheud iomradh air a’ ghnothach. Cha ’n ’eil mi ’faicinn nam paipearan-naigheachd a tha air an clò-bhualadh ann an Earraghaidheal ach glé ainneamh, agus air an aobhar sin, tha mi ann an tomhas mòr aineolach air na gnothuichean a tha ’dol air aghart am measg an t-sluaigh anns an earrann ud de ’n Ghàidhealtachd. Cha ’n ’eil mi ’deanamh tàire sam bith air na paipearan-naigheachd a dh’ ainmich mi, ach ged a bhithinn ’g an ceannach, cha ’n fhaigh mi ùine gus an leughadh. Agus mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Ciod e am math a th’ air pìob mur a seinnear i.” Is minic a rinn duine cron dha fhein agus do dhaoin’ eile gun fhios dha fhein, agus cha b’ ann fa rùn cron a dheanamh do Ghàidheal sam bith, no dimeas a dheanamh air an cuid Gàilig, a tha mise o chionn iomadh bliadhna a’ gnàthachadh “is,” an uair, a réir mo bharail, a fhreagras e na ’s fhearr na “agus” mar bhann-ceangail eadar cuid de na facail a bhios mi ’sgriobhadh. Shaoileadh neach air na briathran a sgriobh Mr. Mac Eanruig, gu ’n robh mise ann an co-bhainn ri Mr. Donnachadh Mac Iosaig, ’s an Oban, ris an Lighiche Mac Gill-Iosa ann an Lunnain, agus ri Windisch anns a’ Ghearmailt. Cha ’n fhiosrach mi gu ’n do leugh mi aon fhacal dhe na sgriobh agus a labhair an triuir dhaoine so riamh. Chuala mi gu tric mu ’n deidhinn, ach cha d’ fhoghlum mi fiach suip o na chuala mi mu ’n deidhinn. Agus cha bhiodh e ceart dhomh breith a thoirt air an cuid sgriobhaidhean o nach do leugh mi iad. Tha mi ’creidsinn gu ’m bheil gach fear dhiubh a’ deanamh a dhleasdanais cho math ’s is aithne dha, agus air an aobhar sin, is mise fear nach tilg clach no ploc air fear seach fear dhiubh. B’ e an t-Urramach Alasdair Camaran, LL. D., nach maireann, a bh’ann am Brodhaig, an Arrain, a b’ oide-foghlum dhomhsa a thaobh cuid de ghnothaichean a bhuineas do Ghràmar Gàilig. B’ ann air Gràmar Gàilig an Dr. Stiubhard a bha esan a’ bonntachadh a bheachdan ann an tomhas mòr; agus ge b’ e a sheallas ann an Gràmar Gàilig an Stiubhardaich chi e gu ’m bheil “agus” agus “is” ann, ach cha ’n fhaic e “us” ann idir. A nis, gun cheann-sios no mi-mheas sam bith a dheanamh air fear seach fear dhe ’n triuir Ghàidheal dhìleas, ghasda a dh’ ainmich Mr. Mac Eanruig mar chinn-iuil do luchd-sgrìobhaidh na Gàilig, their mise gur e beachdan an Stiubhardaich agus a’ Chamaranaich a’s fhearr leam gu mòr a leantuinn. Chuala mo chluas an t-Olla D. Mac Fhionghain, an Duneidionn, ag radh, nach robh fear eile anns an t-saoghal a thigeadh suas ris a’ Chamaranach ann an eòlas air Gràmar [TD 187] [Vol. 11. No. 24. p. 3] Gàilig; agus bu chòir dhomhsa agus do mo leithid an teisteanas mòr, math so a thoirt fa near. Tha ’n Dr. A. Mac Beathain, ann an Inbhirnis, ag radh gur e “is” am facal ceart, agus gu ’m bheil daoine ’sgriobhadh “a’s” agus “us” gu tric ’na àite. A nis, ma tha mise cearr, cha ’n ’eil mi gun chompanaich. Ach c’ar son a rachadh càirdean aimhreit air son rud cho suarach ri “u” a chur an àit’ “i,” no “i” a chur an àit’ “u”? Nan do chuir Mr. Mac Eanruig litir g’ am ionnsuidh a’ cheud uair a chunnaic e gu ’n do chuir mi “is” an àit’ “us,” agus a ràdh rium gun mi dheanamh a leithid tuilleadh, ghabhainn a chomhairle anns a’ mhionaid. Thoir thusa, a charaid, do cheart aire nach brist thu air an àithne leis an do chriochnaich e an litir, ar neo ma bhristeas, cha bhi teud réidh ’s a’ chlàrsaich. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Is olc a’ ghaoth nach séid an seòl fir-eiginn.” Chuir an obair a rinn mise sgriobhaiche math ’na d’ rathad, agus tha mi glé chinnteach gu ’n taitinn a chuid litrichean glé mhath araon riut fhein agus ri do luchd-leughaidh. Ach feumaidh mi tilleadh ri “agus” agus “is” fhathast. Tha “agus” ri bhith air a ghnàthachadh ann an dà dhòigh, an toiseach ann an rathad a bhith ’ceangal fhacal ri chéile, agus a rithist, an uair a bhios e feumail cudthrom a chur air na facail, no emphasis, mar a theirear anns a’ Bheurla. Tha “is” ri bhith air a ghnàthachadh ann an ceangal fhacal ri chéile, mar a tha, “beag is mor, sean is òg,” no, “math is olc,” agus mar sin sios. Cha smaoinichinn idir air dà leith a dheanamh air “agus,” agus an leith deiridh dheth a chur an sàs ann an àite “is.” O’n a tha ’n dà fhacal anns a’ Ghàilig cha ’n aithne dhomh c’ar son nach deanamaid ’fheum fhein de gach fear dhiubh. Is ann mar sin a bha mise ’deanamh o chionn iomadh bliadhna, agus leanaidh mi romham mar a b’ àbhaist dhomh. Chuala mi an t-Urramach Tormad Mac Leòid, D.D., an Inbhirnis, ag radh, gur e “agus” am facal a’s cudthromaiche a th’ anns a’ Ghàilig; agus cha bu toigh leam dà leith a dheanamh air idir, agus an leith-deiridh dheth, “us,” ar neo an t-earbull aige, “’s,” a chur an sàs an àit’ an fhacail gu léir. Ach ciod e am feum a bhith ’g radh a’ chorra m’a dheidhinn. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Is deacair ’thoirt o’n laimh na chleachdas.” “An car a bhios ’s an t-seana mhaide, is deacair a thoirt as.” Tha mise air fàs sean a nis, agus ged a bhithinn ciontach de dh’ olc bu mhò na “is” a chur an àite “us,” is dòcha nach biodh e furasda dhomh dealachadh ris. “Ma pheacaicheas do brathair a’ d’ aghaidh, imich agus innis a lochd dha eadar thu fhein agus esan a mhain: ma dh’ éisdeas e riut, choisinn thu do bhrathair. Ach mur éisd e riut, thoir leat aon no dithis eile, a chum gu ’m bi gach ni air a dheanamh seasmhach am beul dithis no triuir de fhianuisibh.” Is mi do charaid, IAIN. Sniodhasart, Latha Buidhe Bealltainn. “Clarsach an Doire” FHIR-DEASACHAIDH GHASDA,—Tha iomadh la is bliadhna o nach d’ rug mise air peann gu m’ smaointean a sgriobhadh anns a’ Ghàilig. Ged nach bu mhath mo lamh riamh air an obair so, is cinnteach nach deachaidh mi moran am feobhas ri linn sgur gu buileach a sgriobhadh. Ach coma leat. Mar thuirt thuirt an seanfhacal: “Mur dean sinn Eige dheth, ni sinn Arisaig.” Agus ma dhiultas MAC-TALLA cuid a thoirt do ’n litir so, gheibh thu co dhiu frògag air choireigin anns a’ bhascaid bhig. Fhuair mi “Clàrsach an Doire” gu sàbhailte, agus b’e sud a’ Chlàrsach bhinn, eireachdail, le teudan lionmhor, ceòlmhor, air an deagh ghleusadh, leis an fhear da ’m b’ aithne sin a dheanamh gu ro mhath, Niall Mac Leoid. Tha smaointean Mhic Leòid cho àrd-inntinneach, cho dùrachdach, ’sa bhriathran cho snasail, agus, ged tha tha mi fada uaithe air taobh bhos an uisge, saoilidh mi, an uair a bhios mi leughadh a chuid òrain, gu ’m bheil mi sealbhachadh gach aoibhneas is toil-inntinn a bh’ aige an uair a bha e òg air “Eilein gorm a’ cheò.” Gu firinneach ’s mor an sòlas do dhuine ’bhi comasach air smaointean diomhhair a chridhe ’dheilbh ’san dòigh cheòlmhor so. Cha ’n ’eil mac Gàidheil an diugh a bhos no thall nach bu chòir fear de na leabhraichean fiachail so fhaighinn gun dàil. Na biodh aon sam bith an dùil gu ’m faigh iad iasad de ’n leabhar agamsa; agus ni Niall an ni ceudna. Mar sin cha ’n ’eil fior Ghàidheal an taobh so aig nach bi leabhar Mhic Leoid a dh’ aithghearr. Gu ma fada beò a’ Ghàilig, agus Niall Mac Leoid gus a cliù a sheinn gun mheang anns A’ Chlàrsaich bhinn, ghasda, Gur ro mhor mo thlachd dhi! Bu mhiann leam gu ’m faicinn i ’N glacan gach òigeir. AM BOCAN OIDHCHE. EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. VI. AN T-OSDAIR DUBH AN CAOCHLADH CRUTH—MAR A FHUAIR AN SEALGAIR RABHADH—SEALLADH AIR BITH EAGALLACH. BHA ’n t-Osdair dubh gun teagamh air son urram a chur air an aoidh an nochd, le ’chuideachd fhéin a chumail ris. Agus air-son na ceud uair riamh chuir e Ealasaid do ’n ionad naomh sin ’san robh mac-na-braiche fo ghlais aige a dh’ iarraidh searrag ùr, air-son am barrachd urram a chur air an t-sealgair. “Thoir an nuas,” ars’ esan, “am botul a tha air leith leis fhéin air ceann a bharaille dheirg—’s e ’s sine ’s a’s fhior fhearr fo na cabair—’s gu dearbh tha mi duilich nach ’eil ann ach an t-aon.” Co dhiù bha gus nach robh an stuth a bh’ anns a bhotul thaghte so cho math ’sa mhol an t-òsdair e, thug Ealasaid odhar an aire nach e thug i air lom. Agus air-son a maighstir a mhealladh thug i dheth an comharra ’chuir e air is chuir i e air fear eile—a dhearbh bhràthair—a chàirich i gu neo-chiontach an deas laimh an òsdair. “A charaid òig, chaoimh,” ars’ esan, an uair a thug e an t-àrc as a bhotul, “feumaidh tu mo leisgeul a ghabhail an nochd agus òl air ar slàinte le ’chéile; oir tha droch at orm, ’s tha fios agam nach ’eil math dhomh boinn’ òl de stuth làidir—co dhiù stuth cho fior thaghta ris an fhear so.” Na dhéigh so chaidh am bòrd a chuibhrigeadh, agus ged nach robh na bh’ air uachdar cho taghta ris an dram, thug Eobhain aotromachadh math dha, mar is dual do shealgair a’ mhonaidh a dheanamh. An uair a bha ’n t-suipeir thairis thòisich an t-òsdair ri gabhail sgeulachd gus an oidhche chur seachad, rud nach cualas e riamh a deanamh, agus rud a chuir a leithid de dh’ ioghnadh air a bhean-taighe ’s gu ’n do theab an da shùil seasamh na ’ceann. Bheireadh e sùil gheur am mach á doire dhosach mhalaidhean air an t-sealgair gun fhios, an dràsda ’sa rithist, mar gu ’m biodh dùil aige rudeigin a thachairt dha, ach bha Eobhain na ’shuidhe cho daingeann ri creig air a chathair, gus an robh e suas mu dheich uairean, àm a chunnaic e iomchuidh gabhail mu thàmh air-son na moch-eiridh. B’ ann an seòmar dubh iomallach gu h-àrd air an lobhta a rinn an t-òsdair deiseil àite cadail air a shon, ’s dh’ éirich e nis am mach leis a chrùisgein ga ’threorach uige. An uair a bha iad a dol am mach air dorus an t-seòmair thachair Ealasaid odhar riutha ’dol a steach, agus a suathadh an laimh Eobhain, dhin i bileag phaipeir innte, gun fhios da ’maighstir, ged a bha ’shùil air a ghualainn fad na h-ùine. An uair a rainig iad shuas dh’ iarr an sealgair air an crùisgein fhàgail tiota gus am faigheadh e air dòigh ’san leabaidh. “Ni mi sin gu toilichte,” ars’ an t-òsdair; “oir rinn mi diochuimhn’ mhor!” Is ghabh e mach. Dhùin Eobhain an dorus, ’sa cromadh thun a chrùisgein sgaoil e bhileag phaipeir a thug Ealasaid dha, agus leugh e na briathran a leanas:—“’Ill’ òig, tha ’n oidhche ciùin, sìtheil am muigh, ach tha neòil dhubha, agus mur ’eil mi air mo mhealladh, stoirm ghàbhaidh ag éiridh ’s a maoidheadh bristeadh fo na cabair so, nach bi na d’ fhàbhar-sa. Mar sin bi glic, òganaich, ’s bi na d’ fhaicill air an oidhche ’n nochd. Agus na ’s fhearr na sin, ma ’s urrainn dut, crath duslach Ghlinn Duibhre dheth d’ chasan mu ’n tig an latha.” Loisg an sealgair a bhileag, ’s a dol air a ghlùinean chuir e e-fhéin air cùram an Ti sin a tha riaghladh gach ni, ’s aig am bi sùil air a chreutairean daonnan, ’s an sin chaidh e do ’n leabaidh. Thill an nis an t-òsdair dubh agus glain’ aige loma-lan de stuth ris an duirt e fhéin “rogha fala nan dearcan Frangach,” agus thairg e i gu coibhneil do ’n òganach, glaine, na ’m biodh i air a tràghadh, a chuireadh a chadal e gus an dùisgeadh an trombaid dheirionnach e. Cha robh Eobhain idir cho gòrach ’s gu ’n do chuir e rabhadh na caillich am faoineis. Bha e na ’fhaireachadh. Ach thug e taing do ’n bhéisd, is ghabh e uaithe ’ghlaine mar gu ’m biodh e dol ga ’h-òl. Bha ’n solus mùgach, mar a dh’ fhaodas sinn gu math a thuigsinn, ’s mar sin cha robh e doirbh dha an deoch a chur á sealladh an àite nach deanadh i cron dha fhéin no do neach eile, gun fhios do shùil an òsdair. An uair a ghabh an cealgair’ a ghlain’ air ais, bha solus aoibhneach a dearrsadh na ’shùilean, mar á sùilean cait-fhiadhaich ’san dorchadas, ’sa fàgail oidhche mhath aig ar curaid, ghreas e sios gus Uilleam teith fhaighinn agus a chur air ghleus air-son na h-obrach a bh’ aige ri ’dheanamh mu ’n rachadh an oidhche seachad. B’ e cheud ghniomh a rinn e an uair a ràinig e shios Ealasaid odhar a ghlasadh na ’clòsaid, ’sa faighinn an fhir dheirg chaidh e leis do ’n t-seòmar dhuaichnidh ’san do chuir iad seachad an còrr dhe ’n oidhche, agus a suidhe aig a bhòrd dh’ fhosgail e chomhairle aognaidh. Bha stòp aig uilinn an òsdair, cho làn ’sa chumadh e de ’n stuth bu toigh leotha le chéile, gus Uilleam a bhuaireadh, agus gus inntinn a chumail ag iathadh air a chuspair a laimh. An uair a bha iad greis a còmhradh, ’sa bha ’n gnothuch gu h-eagnaidh air a dheilbh, thuirt Uilleam agus sùil theinnteach, shanntach aige air a bhrandaidh: “A bheil thu smaointinn nach d’ rinn an deoch an gnothuch idir an uair a tha thu ’g iarraidh orm a dhol suas leis a chuirc? Nach fhac thu na dh’ òl e roimh shuipeir de ’n stuth a bha air a chur air dòigh a cheart cho math ris an deoch chadail, ’s cha do rinn e fiù ’sa shùil a bhriobadh air a thàille; ’s mar sin bidh thusa cinnteach! Ach c’àit’ an cuir sinn e? Cha ’n ’eil mi idir cho cinnteach as a luba dhuibh ’s bu mhath leam air-son mo cheann a shàbhaladh.” “Tut, Uilleam, a chladhaire! nach aithne dhut fhéin ’s dhomh fhìn Uamh-an-aoig, far am faod e [TD 188] [Vol. 11. No. 24. p. 4] bhith gu deireadh an t-saoghail, ma bhios deireadh aige, gun fhios do neach beò!” Dh’ fhàs aogas Uilleim na bu deirge, an àite fàs bàn, leis an oillt, agus chuir e ’mhuilichinn suas a shuathadh fhalluis, gniomh a bha na fhasan aige, ’s an sin thuirt e le guth critheach, is moran de ’n gheal na shùilean ri ’fhaicinn:—“Ach a Dhugh—a Dhughaill, tha Uamh-an-aoig cho—cho làn de na sìthichean ’s de bhòcain eile ’s nach rachainn a stigh innte air an oidhche air na chunnaic mi riamh.” “Ceart gu leòr! Ma tha thu na d’ ghealtair, is eagal agad roimh fhaileasan, cha ’n ’eil feum agams’ ort. Is e tha bhuam duine. Ach cùm cuimhne air na briathran so: Cha dig thu stigh air mo dhorus-sa gu bràth, is cha mho fhliuchas tu do shlugan tioram fo na cabair so gu dìlinn.” Le so a ràdh thog an t-òsdair dubh an stòp agus thòisich e air a shocair air a dhòrtadh ann an cupan eadar Uilleam ’san solus. Bha e ag amharc, le uile chridhe na ’shùilean, air an t-sruthan theinnteach, bhuairte a bha ’m buaireadar dubh a cumail mu choinneamh a shùilean. Bha ’bhilean a geòbadh, ’s a theanga ag iathadh mu ’n cuairt daibh. Bha ’mhuineal na teine le miannachadh na bha ’san stòp—an lion leis an robh ’n seann sionnach, an t-òsdair, ga ’tharruinn gu cinnteach gu tìr. Cha b’ urrainn e ’sheasamh na b’ fhaide. Le mionnan uamhasach leum e air a chois. “Ged a bhiodh gach deamhain an iutharn an Uamh-an-aoig,” ars’ esan, “theid mi ann còmhla riut!” “Sin an nis an uair tha coltas duin’ ort,” ars’ a chompanach dubh. “Tilg so sios an dràsd, agus ma ni thu do chuid dhe ’n ghnothuch gu sgiobalta, balbh, leanaidh iomadh té mhilis eil’ i, oir tha gu leor far an d’ fhuaireadh i sin.” Gun fhacal a ràdh rug Uilleam air a chupa is thràigh e le aon sùghadh e, ’s a cur a laimhe ri chliathaich feuch an robh ’chorc dhubh na ’h-àite fhéin. Thog e leis an crùisgein is ghabh e suas am fàradh critheanach thun na lobhta. Bheir sinn an nis sùil air an t-sealgair agus chì sinn ’n do chaidil e o’n dh’ fhàg sinn e, gu dhol cuideachd nam biastan eile. Bha e ma ta a dol tacan fo smaointinn, an déigh do ’n òsdair fhàgail, feuch dé dheanadh e na ’chàs. Rinn e suas na inntinn gu ’m fanadh e far an robh e, agus gu ’n cuireadh e an t-eagal bu mhotha chuireadh air daoine riamh air na fir aingidh, oir bha fios aige gu ’m biodh iad daonnan a sealg an caiginn. Bha ’n oidhche cho dubh ris an tearr, air chor ’s nach b’ urrainn e feum a dheanamh le ’shùilean, ach bha da laimh ealant’ aige, ’s gun dàil chaidh e gu obair gus coinneamh gharbh a thoirt dhaibh. Thuig e na b’ fhearr dé bha na ’n ùigh, air dha ialaidh gu toll an fhàraidh, far an cual’ e pàirt dheth na chaidh innse eatorra. Cha robh arm sam bith aige, oir dh’ fhàg e ’n gunna shios, agus ged a rachadh aige air an ratreut a chur orra nan dithis le ’lamhan loma, smaointich e air dòigh eile fheuchainn riutha. B’ e té dhe na leapaichean mora dùinte fhuair e gu cadal, ’s a dol air ais do ’n rùm chruinnich e treallaich air fheadh a chuir e fo ’n aodach na àite fhéin innte, is chuir e air dòigh e cho math ’sa dh’ fhaodadh e, air chumadh duine na ’chadal. Dhìrich e an uair sin gu mullach na leapa ’s a mhàileid aige, ’s na ’m biodh i soilleir chiteadh fiamh gàire air aodann air dha a fosgladh. Am measg ghnothuichean beaga bha e ’toirt gu teaghlach a charaide ’sa bhaile, bha aodanan aognaidh a rinn e fhéin do ’n aona ghille bh’ ann. Bha ’n t-aodanan da rireadh eagalach, le bilean mora tiugha air beul o chluais gu cluais, is le sròn chrom, mar shròn comhachaig, air. Ach b’e chuid àrd de ’n aodann ’s na sùilean agus da adharc bheag dhubh air mullach a chinn a bha ga ’fhàgail eagallach buileach glan. Cheangail ar curaidh gach ni na ’àite, is chaidh e an sin na ’shìneadh gu co-fhurtail air mullach na leapa ga ’fheitheamh. Cha robh e fad ann an uair a chual’ e ceum fàillidh a’ tighinn thun an doruis, ’san ath mhionaid chaidh ’fhosgladh, is tharruinn am fear dearg mar thìgear gu beulaobh na leapa. Ged a bha ’n sealgair treun, chuir a choltas aingidh ’san àm gaoir troimh phòraibh. Chunnaic e an ath mhionaid dé bha feitheamh air, na ’m biodh e air cadal gun rabhadh na caillich fhaighinn. A faicinn an fhir a bha ’san leabaidh cho trom na ’shuain, ’sa mhisneach air a togail àrd leis a bhrandaidh a dh’ òl e, thug Uilleam am mach a chorc dhubh, ’s a ruith òrdaig air a faobhar ghlac e gu teann cruaidh i, is thug e an sàthadh guineach ud a rithist agus a rithist an com an fhir a bha fo ’n aodach. Tharruinn e air ais an uair sin, ’sa cur a chrùisgein air cathair sheas e, is fhallus gu làr, ag amharc obrach. Am priobadh na sùil, thàinig cròg mhor bhar mullach na leapa, ’s a breith air mhullach cinn air tharruinn i gu garbh suas e. An uair a thàinig a thùr uige bha e air a cheangal gu teann cruaidh, ’s an deamhain fhéin bha e smaointinn le ’chruth eagealach os a chionn. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. XVII. CHA robh an tuilleadh a dhith air an draoidh. Sguir e de chomhradh ri fear an taigh-osda, agus an uair a thill e d’ a sheomar fhein, thuirt e ris fhein: “Cha choir dhomh air chor sam bith an cothrom so a leigeadh seachad. Feuchaidh mi ris an fheum a’s fhearr is urram domh a dheanamh dheth.” Gun dail sam bith chaidh e far an robh fear a bhiodh a’ reic chruisgeanan, agus dh’ iarr e air dusan cruisgean copair a thoirt dha. Thuirt fear na buthadh ris nach robh dusan cruisgean aige, ach na ’n deanadh e foighidinn gus an ath latha, gu ’m faigheadh e dha an dusan cruisgean. Thuirt an draoidh ris gu ’m feumadh e an deanamh cho snasail ’s a b’ urrainn e, agus gu ’n tugadh e dha deadh phaigheadh air an son. Air an ath latha, aig an uair a dh’ ainmich e, thainig an draoidh a dh’ iarraidh nan cruisgeanan, agus an uair a phaigh e lan-phris air an son, chuir e ann am bascaid iad, agus dh’ fhalbh e, agus a’ bhascaid air a ghairdean a dh’ ionnsuidh na luchairt aig Aladin. An uair a rainig e faisg’ oirre, thoisich e ri glaodhaich, “Co dh’ iomlaidicheas seana chruisgeanan air son cruisgeanan ura?” Mar a bha e ’dol air aghart, thoisich moran de chloinn ri cruinneachadh timchioll air, agus ri magadh air. Bha iad an duil, mar a bha na h-uile neach a thachair a bhith ’dol seachad, nach robh ann ach dearg amadan, no duine air a’ chaoch, an uair a bha e ’tairgse cruisgeanan ura thoirt seachad an aite seana chruisgeanan. Ach cha robh an draoidh a’ cur suim sam bith anns na bha ’chlann a’ deanamh de mhagadh air, agus de ghlaodhaich ’na dheigh. Lean e roimhe, agus e ’sior ghlaodhaich, “Co dh’ iomlaidicheas seana chruisgeanan air son cruisgeanan ura?” Lean e air a’ ghlaodhaich so fad uine mhath agus e ’coiseachd air ais ’s air aghart mu choinneamh na luchairt. Thachair gu ’n robh nighean an righ ann an talla nan ceithir uinneagan fichead aig an am, agus an uair a chual’ i a’ ghlaodhaich a bha muigh, agus gun i ’tuigsinn ciod a bha ’n duine ag radh, chuir i te dhe na searbhantan sios gus fios fhaotainn ciod a bha e ’g radh. Cha robh an t-searbhanta fad’ air falbh an uair a thill i agus i ’sior ghaireachdaich. Ghabh nighean an righ ioghnadh, agus thuirt i rithe “A chreutair gun suidheachadh, ciod a tha ’toirt ort a bhith gaireachdaich air an doigh sin? Fhreagair an t-searbhanta, cha ’n ’eil fhios co a b’ urrainn cumail o ghaireachdaich an uair a chitheadh e amadan a’ falbh le bascaid air a ghairdean lan de chruisgeanan ura, briagha, agus e ’g radh gu ’n tugadh e seachad iad an aite seana chruisgeanan? Tha moran air cruinneachadh m’ a thimchioll, agus iad a’ sior ghlaodhaich ’s a magadh air.” An uair a chuala te eile dhe na searbhantan na briathran so, thuirt i: “A nis, o ’n a tha sihh a’ bruidhinn air cruisgeanan, cha ’n ’eil fhios agam an d’ thug a’ bhana-phrionnsa an aire dha, ach tha seana chruisgean an crochadh ris a’ bhalla, agus ge b’ e air bith co leis e, cha mhisde leis cruisgean ur fhaotainn ’na aite. Ma ’s e toil na bana-phrionnsa, faodaidh i dearbhadh a chur air an amadan so feuch am bheil e cho gorach ’s gu ’n toir e cruisgean ur seachad air son seana chruisgean gun dad eadar dha iomlaid.” B’ e an cruisgean so mu ’n do labhair an t-searbhanta, an cruisgean iongantach aig Aladin. Agus air eagal gu ’n cailleadh e e, chroch e gu h-ard ann an oisinn an tall’ e gus an tilleadh e as a’ bheinn sheilg. Rinn e so iomadh uair roimhe, ach cha tug neach sam bith an aire dha gus a’ sid. Cha robh e ’dealachadh ris a’ chruisgean aig am sam bith ach an uair a bhiodh e ’sealgaireachd. Agus dh’ fhaodadh e ’bhith air a chur fo ghlais mu ’n d’ falbh e do ’n bheinn sheilg; ach bha daoine riamh a’ deanamh dearmaid air iomadh rud cudthromach, agus bithidh gu latha deireannach an t-saoghail. Cha robh fhios aig nighean an righ gu ’n robh feum no buaidh sam bith anns a’ chruisgean, agus gu ’n robh e ro fheumail dhi fhein agus do Aladin a ghleidheadh gu tearuinte; agus, gus spors dhi fhein agus do chach, dh’ iarr i air fear dhe na caillteanaich a thoirt leis agus iomlaideachadh air son cruisgean ur. Rinn an caillteanach mar a dh’ iarr i air. Cha bu luaithe chaidh e mach air geata na luchairt agus a chunnaic e an draoidh na ghairm e air. Agus an uair a sheall e dha an seana chruisgean, thuirt e ris: “An toir thu dhomh cruisgean ur air son a’ chruisgean so?” Cha robh teagamh aig an draoidh nach b’ e so an cruisgean a bha dhith air. Cha b’ urrainn a leithid eile ’bhith anns an luchairt far nach robh dad ach or is airgiod. Rug e air gu toileach a laimh a’ chaillteanaich, agus chuir e ’na bhrollach e. Agus thuirt e ris a’ chaillteanach an cruisgean a b’ fhearr leis a thoirt as a’ bhascaid. Thagh an caillteanach am fear bu bhriagha ’chunnaic e, agus thug e leis e a dh’ ionnsuidh na bana-phrionnsa. Ach cha bu luaithe ’rinneadh an iomlaid na leig a’ chlann agus na daoin’ eile ’bha lathair an aona ghlaodh ard asda a’ magadh air an draoidh. Bha ’n draoidh coma ged a bhiodh iad a’ magadh air cho mor ’s a thogradh iad. Cha do stad e na b’ fhaide aig luchairt Aladin. Dh’ fhalbh e gun fhacal tuilleadh a radh. Fhuair e an rud a bha dhith air, agus o ’n a sguir e de ghlaodhaich, fhuair e ann an uine ghoirid cuibhteas ’s a’ chlann. Thug e aghaidh air na sraidean a b’ iomallaiche a bh’ anns a’ bhaile; agus o nach robh feum aig tuilleadh air a’ bhascaid ’s air na cruisgeanan a bh’ innte, dh’ fhag e uaith’ i ann an aite anns nach robh duine ’s a fhaicinn. [TD 189] [Vol. 11. No. 24. p. 5] Ghabh e roimhe gus an d’ rainig e aon de gheatachan a’ bhaile; agus an uair a chaidh e astar math air aghart am measg nan taighean a bha ’n taobh am muigh dhe ’n bhaile, agus a cheannaich e beagan beidh, ghabh e air aghart gus an d’ rainig e aite aonaranach, fad’ o thaighean. Cha do chuir e de dhragh air fhein na thug leis an t-each a dh’ fhag e anns an taigh-osda. Bha e toilichte gu leor an uair a fhuair e greim air a’ chruisgean. Anns an aite so chuir e seachad na bha roimhe dhe ’n latha. An uair a thainig an oidhche thug e an cruisgean as a bhrollach, agus an uair a shuath e e, thainig am fathach, agus thuirt e ris: “Ciod is aill leat mise dheanamh dhut? Tha mi deas gus umhlachd a thoirt dhut mar do sheirbhiseach nan uile aig am bi an cruisgean sin ’nan laimh; araon mise, agus seirbhisich eile ’chruisgein.” “Tha mi ’g ordachadh dhut,” ars an draoidh, “araon mi-fhin agus an luchairt a thog thu fhein agus seirbhisich eile ’chruisgein anns a’ bhaile so, agus a h-uile neach a th’ innte, a thoirt gun dail gu ruige a’ leithid so de dh’ aite ann an Africa.” Cha d’ thug am fathach freagairt sam bith dha, ach le cuideachadh nam fathach eile, seirbhisich a’ chruisgein, thug iad leotha an draoidh, agus an luchairt mar a bha i, do ’n aite ’dh’ ordaich e ann an Africa, far am fag sinn an draoidh, an luchairt, agus nighean an righ, fhad ’s a bhios sinn a’ labhairt mu ’n uamhas a ghabh an righ. Cha bu luaithe ’dh’ eirich an righ air an ath mhadainn na chaidh e mar bu ghnath leis gu uinneag na closaid gus sealladh taitneach a ghabhail de ’n luchairt aig Aladin. Ach a’ cheud shealladh a thug e an rathad a bha ’n luchairt, agus a chunnaic e gu ’n robh an t-aite anns an robh i cho falamh ’s a bha e mu ’n do thogadh i, shaoil leis nach robh e ’faicinn gu ceart, agus thug e suathadh air a shuilean. Sheall e rithist, ach cha ’n fhac’ e dad na ’s mo na chunnaic e roimhe, ged a bha ’n t-side briagha, agus an iarmailt glan, agus an latha air soilleireachadh cho math ’s gu ’m faicteadh rud sam bith. Sheall e mach air an da uinneig, ach cha robh an luchairt ri ’faicinn. Ghabh e leithid de dh’ uamhas ’s nach b’ urrainn e car uine a shuilean a thogail bhar an aite anns an robh an luchairt. Cha b’ urrainn e ’thuigsinn cia mar a ghabhadh luchairt cho mor ri luchairt Aladin toirt air falbh ann an uine cho goirid gun dad fhagail air an larach. “Cinnteach gu leor,” ars’ esan ris fhein, “cha ’n ’eil mi air mo mhealladh. Bha ’n luchairt ann an sid. Nan do thuit i, bhiodh na rudan dhe ’n do thogadh i ri ’m faicinn air an talamh. Agus nan do shluig an talamh i le crith-thalmhainn, bhiodh comharradh ri ’fhaicinn.” Ged a bha ’n righ cinnteach nach robh an luchairt ri ’faicinn, gidheadh cha b’ urrainn e gun stad car uine far an robh e feuch an robh e air a mhealladh. Mu dheireadh chaidh e dh’ a sheomar fhein, agus chuir e fios cabhagach air an ard-chomhairleach; agus aig a’ cheart am shuidh e, agus bha ’inntinn cho mor troimh a cheile ’s nach robh fhios aige ciod a dheanadh e. Ann an uine ghoirid thainig an t-ard-chomhairleach. Ach cha d’ thug e an aire gu ’n robh luchairt Aladin air a toirt air falbh; agus cha mho na sin a dh’ ionndrainn na daoine a bhiodh a’ fosgladh na geatachan i. An uair a thainig an t-ard-chomhairleach an lathair an righ, thuirt e ris: “Mo thighearna, tha ’chabhag leis an do chuir bhur morachd fios orm a’ toirt orm a chreidsinn gu ’n do thachair gnothach neo-chumanta, o ’n a tha fhios agaibh gur e so latha na comhairle, agus nach deanainn dearmad air frithealadh ann an deadh am.” “Thachair gnothach neo-chumanta mar a tha thu ’g radh gun teagamh,” ars’ an righ, “agus aidichidh tu gu ’m bheil e gle neo-chumanta. Innis dhomh ciod a thachair do luchairt Aladin?” “Luchairt Aladin!” ars’ an t-ard-chomhairleach; “an uair a thainig mi, shaoil mi gu ’n robh i far am b’ abhaist dhi. Cha bhiodh e furasda togail cho mor rithe a thoirt air falbh ann an uine ghoirid.” “Rach a steach do m’ chlosaid-sa, agus innis dhomh an urrainn dut a faicinn,” ars’ an righ. Chaidh an t-ard-chomhairleach a steach do ’n chlosaid, agus an uair sheall e agus nach fhac’ e an luchairt, bha ’cheart uiread a dh’ uamhas air ’s a bh’ air an righ fhein. An sin thionndaidh e ris an righ, agus thuirt an righ: “Seadh, am fac’ thu luchairt Aladin?” “Mo thighearna,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “faodaidh cuimhne bhith aig bhur morachd gu ’n d’ innis mi dhuibh nach robh anns an luchairt mhoir ud, a bha ’toirt a leithid de thoileachadh dhuibh, agus na bha de dh’ ionmhas gun choimeas innte, ach obair draoidh agus draoidheachd; ach cha chuireadh bhur morachd suim sam bith anns na thubhairt mi.” (Ri leantuinn.) Litir o Chalum Beag. Tha mu mhios bho fhuair mi neach gu toiseachadh air sgriobhadh dhomh gu Mac-Talla, agus o nach d’ fhuair mi a criochnachadh aig an àm sin cha fhreagair i idir an dràsta. Chaidh ìnnseadh dhomh gu bheil cuid dhe m’ chairdean a gabhail fadachd nach ’eil iad a cluinntinn bhuam, ach tuigidh iad a nis nach ’eil mo thoil fein agam a thaobh sin, oir fhad sa tha mise gun teachd gu ìre Gàidhlig a sgrìobhadh mi fhein, agus mi cho beag, faodidh iad a bhi cinnteach gu’m bithear a gabhail brath orm. Tha Iain Mac ’Illeasbuig a feòrach am mi Calum na Gàidhlig a bha ’m Priceville. ’S fheudar dhomh aideachadh nach mi, oir cha robh mise riamh a mach á Ceap Breatunn; agus ged thainig mi do’n bhaile so as a ghleann bhoidheach ’s an d’ rugadh ’s a dh àraicheadh mi, tha mi cho miosail air a Ghàidhlig ’s a bha mi riamh. Cha ’n ’eil litir a thig bho Mhac-’Illeasbuig no Gàidheil dhileas eile, nach fheum mi a chluinntinn air a leughadh, ’s nach leòr an dearbhadh sin. ’S fheudar dhomh innseadh do m’ chàirdean beaga air an robh eòlas agam, gu’n d’ fhuair mi tomhas de shàruchadh o chionn ghoirid leis a ghalair leibideach ris an can iad na mumps, ach tha mi nis air faotuinn thairis air, agus a dol do’n sgoil gach la. Tha seachd no ochd de luchd teagaisg againn, ’s tha na sgoilearan air an roinn agus air an teagasg ann an rùmaibh air leth, air reir ’s mar tha iad a tighinn air adhart. Mar tha tachairt anns gach sgoil tha cuid dheth na sgoilearan sìtheal, dòigheal, agus cuid eile anns a bheil roinn de ’n choas, ach a dh’ innseadh na firinn, cha’n ’eil iad sin a cur mòran dragh sam bith ormsa. Is fheudar dhomh nis cunntas goirid a thoirt mu thimchioll an stor mhòr aig na Vooght Bros., a bha air fhosgladh o chionn ghoirid, agus a tha gu bhi air a lionadh le iomadh seorsa bathair. Tha e iomadh storaidh air airde, agus a comhdach mòran talmhuinn. Tha e briagh ri fhaicinn araon a mach agus a stigh, agus ge be cearna dheth ’s an ceannaichear ni sam bith, ’s gu’m bith airgiod ri bhristeadh, tha cleireach ’ga chur ann am bocsa beag a tha rùith mar luch air an telegraph, gus an ruig e aite a bhristidh, agus an ùine ghoirid chithear e tighinn air ais an deigh a ghnothuch a dheanamh cho doigheil ’s ged bhiodh duine ’n a chois. A bharrachd air staidhrichean eireachdail a bhi ann, tha elevator air siubhal daonnan a bheir daoine suas gu storaidh sam bith dheth, no sios do’n t-seileir, far am bheil mòran bathair air a storadh suas. Cha ’n urrainn mise innseadh air dhoigh ’s gu ’n tuigear mi, cho ordail ’s a tha gach ni ’n a àite fein, ’s cha mho na sin is urrainn mi thuigsinn ciamar air an t-saoghal tha daoine a faighinn a leithid a dh’ innleachdan ùra a mach, ach ’s cinnteach nach ann gun dichioll. Tha ’m fear a tha sgriobhadh dhomh ag radh gu bheil e fein a dol a chur litir gu MAC-TALLA gu h-aithghearr, ach tha mise am barail ma bhios i cho fad air an rathad ’s a bha i so, gu ’m bi i greis gun nochdadh. CALUM BEAG. Sidni a Tuath. Litir a Loch an Fhuamhair. Smaointich mi gu ’n glacainn mo pheann meirgeach am laimh agus gu ’m feuchainn ri beagan fhacail a chur ann an òrdugh cho math ’s is aithne dhomh, agus cha bhi sin ro mhath. Tha e ’cur ioghnaidh orm dé dh’ fhairich an sgriobhadair mu dheireadh a thug dhuinn litir glé mhath. Ma ’s math mo bheachd ’s e “An Tuathanach Ruadh” a thug e mar ainm air fhéin. A nis bu ghlé thoigh leam fhein na ’n toireadh e dhuinn tuilleadh eachdraidh air an dol air adhart a bh’ aig an t-sluagh a thàinig do ’n àite so an toiseach. A réir ’s mar tha mise tuigsinn, bha iad ann an suim mhor gu math cridheil. Bha a h-uile gill’ òg ’s e ’g obair air àite dha fhéin. Cha ’n ann mar sin tha cùisean an diugh idir. Feumaidh gillean òg an là ’n diugh togail air falbh gu duthchannan céin, agus tha ’n dùthaich so a dol air a h-ais. Cha ’n fhaicear triùir a theid cuideachd de na seann daoine nach ann a tha iad a’ bruidhinn air cho gòrach ’sa tha gillean òg an latha so—iad a bhi fàgail na dùthcha, mar tha iad a nis. Cha ’n ’eil e ’cur ioghnadh ormsa iad a bhi fàgail na tìre anns an d’ rugadh iad, a chionn cha ’n ’eil gill’ òg sam bith a dol a chur seachad a bheatha ann an àite gun fhios age gu dé tha gus a bhi aig’ air a shon. Cha ’n ’eil bodach dhiù sin a dhùraigeas fòid da ’n cuid fearann a thoirt da ’n cuid mhac gus na mionaidean deireannach, agus ma dh’ fhaoidte ’nuair a thig sin nach bi guth air cùisean a chur ceart. Cha ’n ’eil math do ghill’ òg dol a choimhead air nighinn, ar neo bidh an t-seann fheadhainn agus mùig orra; mur’ eil i ’còrdadh riutha fhein cha’n fhiach an gnothach. Fasan eile a tha gu mor air a chleachdadh: Ma chìthear gill’ is nighean a bruidhinn ri càch a chéile tha e ’n ceann eile na dùthcha gu bheil iad sud a dol a phòsadh. A nis, tha mi ’cur so mu choinneamh do leughadairean, agus a’ cur mar fhiachaibh orra mo chronachadh ma tha mi cearr. Na ’n ionnsaicheadh na seann daoine a bhi aoidheil ri ’n cuid theaghlaichean, agus feuchainn ri cuideachadh leotha gus iad fhein a stéidheachadh anns an t-saoghal so, bhiodh moran a bharrachd meas aig an òigridh air fuireach anns an dùthaich. Cha ’n ’eil rud ann a ruigeas duin’ òg na ’s motha na bhi gruamach ris an uair a thig e dhachaidh o bhi air chéilidh ann an taigh a choimhearsnaich, no ma dh’ fhaoidte a’ coimhead air an aon té a’s fhearr leis a chunnaic e riamh. Tha e glé thric a tachairt gu’n tionndaidh an gràdh a tha aca so dha chéile gu fuath, air tàille na dol am mach a bhios aig feadhainn anns na dòigheannan a dh’ ainmich mi. A nis, ma ’s airidh mo litir a cur ann an oisinn de ’n MHAC-TALLA, bu mhath leam a’ faicinn. Is mi do charaid, GILLE BEAG. Loch an Fhuamhair, N. S. Mar dean mi spàin, millidh mi adharc. [TD 190] [Vol. 11. No. 24. p. 6] Bha na paipeirean o chionn mios no dha air ais gle dheònach fios fhaotainn co bha gu bhi air a chur a nall á Breatunn mar Ard-Riaghladair do Chanada. Bha iad fein ag ainmeachadh caochladh uaislean, ach tha e nise air innse nach eil am Morair Minto ri bhi air a charachadh am bliadhna, gu bheil e gu mairsinn ’san dreuchd gu ceann bliadhn’ eile. Fhuaireadh duine marbh ann an toll soithich a thainig a stigh do Halifacs air a cheathramh la deug dhe’n mhios. Bha an soitheach air tighinn á Bermuda. Beagan làithean an deigh dhi tòiseachadh air a turus, chaidh an duine so, fear de na seòladairean, as a rian, agus dh’ fhalaich e e-fein ’san toll far nach leigeadh e do dhuine tighinn faisg air. Cha’n fhacas le duine bha air bòrd e fad shia latha fichead, agus b’ ann nuair thòisicheadh ri cur a mach an luchd a fhuaireadh a chorp, agus coltas air gu’n do chuir e làmh na bheatha fein. Litir a Priomh-bhaile Chanada. A MHIC-TALLA CHAOIMH—Tha e air aithris m’ an bhodach a bha ’n Lathuirne an uair nach b’ aithne dha bruidhinn dh’ fhanadh e sàmhach, agus cha ’n eil fios nach e sin bu chòir dhòmhsa dheanamh an àite bhi cur dragh mi iomchuidh aig an àm so oirbh. Mar tha dearbh fhios agaibh cheana, ged a bhithinn a sgriobhadh litrichean ugaibh bho Luain gu Sathurna cha togadh iad deidh no suim an luchd leughaidh, oir cha ’n eil e ’n am chomas briathran taitneach, no beachdan òirdheirc a thoirt dhuibh. Air an aobhar sin mata cha bhi mi deanamh tarcuis air am faireachduinnean no mealladh an deagh ghnè. Leugh mi le mor-thoileachas “aobharan air son a bhi seachnadh an òil,” o cheann ghoirid an àireamh dhe ’n MHAC-TALLA. Is fada bho’n a chuala mi sean-fhacal, “nach deanadh an t-òl ach am fear a dh’ fhaodadh,” ach gidheadh sin ’s tric leis a mhuinntir sin a bhi “là air mhisg ’s là air uisge.” Bha uair ’s mur bitheadh “stuth na pòite duibhe” aig gach cuirm Ghaidhealach cha robh e air a mheas ach “mar mharagan gun gheir. Tha an cleachdadh a nis air a dhol á fasan ’s cha ’n eil teagamh nach bi gach cuirm ’s gach banais cho beannaichte as eugmhais. Tha Solamh ag radh “gun tig am misgeir agus an geòcaire gu bochdainn,” agus is minic a chaidh na briathran a dhearbhadh fo shealladh gach aon againn. Le bhi cur an clò achmhasanan séimh dhe ’n t-seòrsa so tha sibh a’ dearbhadh nach eil ’n diugh cinneach a’s airde cliù na sibh fein a measg nan Gaidheal ag àiteachadh an domhain. Thoill sibh mar ur sinnsear an luaidh òirdhearc so am buillsgean gach cruadail, mar na laoich ’o na ghineadh sibh nuair chuir iad na Ròimhich o shean, le taic nam beann, ’s le misneachd nan dàn, air ais do ’n tir chéin ged cheannsaich iad earrann mhor dhe’n domhain. Anns na blàraibh cein-iomraiteach a thugadh air feadh na Roinn-Eòrpa, nuair a bhagair aintighearna na Frainge gu ladarna aon tigh-daorsa a dheanamh dhe’n t-saoghal gu leir, sheas iadsan mar bu dual ri guailibh a cheile, gu calma, ealanta, cunnabhallach, ’s bha iad bras ’sa chath le meamnachd ghaisgeach agus fhuair iad moladh ann an dànaibh gach dùthaich nach leigear gu bràth air di-chuimhne. Tha mor thlachd agam a bhi leubhadh litrichean Bhodachain a’ ghàraidh, is Peigidh Phabach, á Lag an t-Slòcain. ’S ann annta a tha na briathran càirdeal, caomh. Cha’n ann mar chàirdeas na circe a tha iadsan a’ sgriobadh ’sa sgròbadh a cheile. Faodaidh mi radh ged ’s i Ghàilig mo cheud chànain gu bheil mi fhathast ga h-ionnsachadh le bhi leughadh gach litir is òran a tha ’sa Mhac-Talla. Is ann le bhi deanamh dichioll, le foighidinn, agus le cridhe blàth an fhior Ghàidheil a theid againn air a chainnt àrach agus ionnsachadh gu litireil, le tim a bhuileachadh ann an leughadh leabharaichean Gàidhlig ’s gu h-araid ur paipeir grinn. Cha ’n eil Gaidheal sam bith nach bu choir urram a thoirt do fhear-deasachaidh a MHAC-TALLA, a thaobh ’s gur e an t-aon phaipeir Gàidhlig a tha an diugh air an t-saoghal. “Cha chaill mi mo Ghàidhlig Cha b’ fhearr na sid leam, A chainnt mhilis bhlàth Chuir mo mhàthair nam’ cheann, O sibhs’ aig bheil Gàidhlig O teannibh an nall, Is buailibh am bòrd Leis na seòid thogas fonn.” A h-uile latha sona dhuibh ’s gun aon latha dona dhuibh. Is mi ur caraid dileas, Maigh 23, 1903. CALUM DUBH. BARDACHD NA FEINNE. DAN AIR CROM-GHLEANN. ROIMH-RADH. MHARBH Fionn agus a laoich mòran de shluagh righ Lochlann, agus gu h-àraidh a’ chuid bu mhò de mhic an righ, ann am blàr ’s an d’ thug Fionn buaidh air na Lochlannaich, aig àite do ’m b’ ainm Cliabhan. An déigh do na Lochlannaich dol air ais do ’n dùthaich fein, bha iad làn corruich agus àrdain, fo sgannail agus masladh aig am mnaibh, agus gu h-àraidh aig an luchd-dùthchadh, do bhrigh gu ’n d’ thug na Gaidheil threuna buaidh orra. Air so chuir iad teachdaire le foill gu Fionn, a’ tairgse dha nighean righ Lochlann mar mhnaoi. Ach bha Fionn agus a mhuinntir eòlach air ceilig nan Lochlannach, agus thug iad leotha sgionan an àite falaich; agus an uair a thòisich na Lochlannaich ri caitheamh foill orra, thuirt Fionn rann mu na sgionan a thuig a chuid Gaisgeach; agus ged a chuir na Lochlannaich am muinntir fein ’nan suidhe, agus fear de chuideachd Fhinn eadar gach dithis (ma b’ fhior iad le càirdeas) mharbh na Gàidheil òirdheirc gach fear ’s a’ Bheirbhe (an Ceanna-bhaile) ach an righ a mhain, agus thug iad leotha nighean an righ do ’n Mhor-bheinn, mar a dhearbhas an dàn so. Innsidh mise dhuibhse An t-ursgeul fior ’s gu ’m b’ e sin e, Air gràdh milis nam feara, Air a’ ghaol sibh d’ a fheòraich. Latha dhuinn an Crom-ghleann nan clach, Thainig athach le sgeul oirnn os iosal. Labhair Fionn ris le glòir bhinn: “’S e do bheatha gu cuid na h-oidhche: Da thaigh dheug a bhiomaid ann ’Nuair rachamaid gu seilg an Crom-ghleann, Da theine dheug bhiodh anns gach taigh, ’S fear agus ceud mu gach teine; ’S am fear bu tàire dhiubh sin Gu ’n gleachdadh e ceud ’na aonar.” ’Nuair a chunnaic Conan maol Coslas an athaich a’ teachd ri ’thaobh, Tharruinn e a dhorn dùinte Do athach cam na h-aon sùla. Labhair Fionn ris le guth mòr: “Sguir, a Chonain, caisg do dhorn, ’S mor an t-aobhar ’rachadh oirnn Gu ’m buaileadh tu teachdaire righ Lochlann. “Ach fhir a’s buirbe sùil gun tlachd, Do shloinneadh, athaich, dhuinn is d’ iomradh, Fhir a’s olc do thoisg ceum boile, Innis dhuinn sgeul, athaich oillteil.” “Thainig mi o Lochlann leathain, O ’n chuideachd bhorb neo-dhoilleir, Is thug mi ceum gun bhi mall, Ge cian, o chriochaibh Lochlann. Tha nighean righ Lochlann fein Air gabhail gaoil ort, Fhinn, ’s cha cheilg e; Is thug i bòid nach rachadh i steach, Gus an rachadh Fionn ’ga h-iarraidh; Is thainig mi do d’ iarraidh ’ic Cumhail, ’S do chuideachd a dhol a chum fleadha.” Tairngeamaid ar còtaichean sròil Mu ar corpaibh calama, seanga, ’S na lùirichean a’s fearr maise, Is clogaid mhòra ’tha glé dhreachmhor, Sgiath bhil’ òir is lann is lùireach, Air gach gaisgeach gu h-àrd-ghlùineach; Fraoch siubhail air gach fear, ’S inneal comhraig air gach treun-laoch. “Nam bu ghobha mise, ’S math a dheanainn sgionan; Chuirinn cruaidh ’nan soighean, ’S chuirinn sìom ’nan roinnean, ’S chuirinn casan fraoiche Le ’n cinne bhuidhe Ann an cùil thiugha Nam faobhar tana.” Ghabh sinn am mach druim chaoil a’ chuain, An dream bu duilich an diongmhail, ’S chaidh sinn air tìr gu fearail fòil, Le teachdaireachd athach righ Lochlann; Is bha sinn ’s a’ Bheirbhe ag òl Ann an teaghlach Dhùn an Olla, A’ caitheamh nam fleadh is iomairt mu seach. An sin do labhair righ Lochlainn; “Fhinn, an d’ thug thu leat mo mhac, Gormunn gorm-shuileach nan cath?” “Is mise ’mharbh Gormunn do mhac,” Arsa Raoine nan geal-ghlac; “Cha teid mi dh’ aicheadh an fhir, ’S gur ann leam a thuit e ’san iorghuill.” “An d’ thug thu leat Ronan mo mhac, An curaidh a b’ àille dreach; No ’m Buadhach buidhneach mo mhac eile, No ’n Lamh-threun a phropadh iorghuill?” “Is mise mharbh Ronan do mhac,” Thubhairt Diarmad òg o Duibhne, “Air tràigh Cliabhain mu thuath, Far an do thuit do mhor-shluagh.” “Is mise mharbh an Lamh-threun,” Thuirt Oscar nach d’ rinn riamh breug; “Gun taing do dhuin’ agaibh d’a chionn, A dh’ fhas riamh an rioghachd Lochlainn.” “Sgar mis’ a cheann de ’n Bhuadhach bhuidhneach,” Fhreagair Caoilte, ’s cha bu tiom e; “’S bu luath mo chasan anns an arfhaich A’ liodairt ’s a’ marbhadh do mhuinntreach.” Labhair fear air an taobh thall, “’S meirg a thogadh an fholachd ’san àm; Fagaidh an Fheinn sibh marbh ’n ’ur teach, ’S theid iad do ’n Mhor-bheinn am màireach.” “Fhinn! tha thusa nis an laimh, Is luchd do bhriathran dalama cinn; A dh’ aindeoin do shluaigh uile; Na luaidh air Alba gu bràth.” Fhreagair d’ a sud pobull Fhinn, Leis a’ ghlòir nach robh ro thiom; “Cha ’n fhaodar leinn a bhith an laimh; ’S ann leinn a mharbhar an ceud fhear.” Tharruinn Oscar an còrn A bha ’na laimh ag òl na deoch, ’S mharbh e leis tri caogad fear treun Seal mu ’n do thòisich an Fheinn ’s a’ ghreis. Dh’ éirich Goll nan cruaidh-bheum àigh, ’S thug brosnachadh làidir gu cath; “Sibhs’ a shliochd treun nam Mor-bheann, Dearbhaibh ’s an àm cruadhs bhur smior.” Tharruinn sinn ar deich ceud sgian; Bu mhoid ar gaisge ’s b’ fheairrd ar gniomh, ’S mharbh sinn dithis de gach fear De theaghlach an righ ’s a’ Bheirbhe. Chaidh sinn am mach mar dhream inntinneach, uallach, Is mharbhadh leinn an dorsair ’S gach neach a bha ’m fagusg do ’n tùr ud; ’S bha Fionn tamull an uaigneas Le nighean Mhanuis na ceilge dùbailt’, Is thug e leis i a nall thar sàile, Gu Mor-bheinn an àrd-daraich aosda; ’S bha fleagh nan slig’ an Seallama, ’S gach neach ’san teach gu subhach, aobhach; Bha pailteas de shithinn fhiadh ann, Aig clannaibh Morna ’s clannaibh Baoisge; ’S ged tha mi nis gu fann a’ triall, Bu mhòr mo bhlaodh an teach nan laoch ud. Bha ceannas aig m’ athair uasal Air Manus nan creach ’s nan long-phort. Is tùirseach mi a’ caoidh nan treun-laoch, Aig iomradh nam fleagh an Crom-ghleann. [TD 191] [Vol. 11. No. 24. p. 7] THA MO RUN AIR A GHILLE. LE CEIT MHUNN. LUINNEAG. Tha mo rùn air a ghille, ’S e mo dhùrachd gun dig thu; ’S mi gun siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar-bheann. Oidhche shamhraidh dhomh ’s mi ’m onar, Nam b’ urrainn dhomh dheanainn oran; ’S truagh a righ nach robh mi posd’ Air oigeir a chùil dualaich. O, gur h-e mo cheist an t-oigeir, Fear ’chùil duinn ’s an leadain bhoidhich; ’S mi gun siubhleadh leat thar m’ eolais Ged tha ’n cota ruadh ort. ’S mór a thug mi ’ghaol do ’n fhiùran ’Tha ’m mach a teaghlach Chill-Iùnndainn; Sealgair fhiadh tu ’m beinn a bhùiridh, ’S eilid lùth nan luath chas. Ged a tha do phocaid aotrom, Cha do lùghdich sud mo ghaol ort; ’S mi gun siubhleadh leat an saoghal Nam faodainn do bhuannachd. Nàile ’s e mo ghaol an t-oigear, Aig a bheil a phearsa bhoidheach; ’Fhir chùil dualaich, chuachaich, or-bhuidh, ’S fiamh an rois ad ghruaidhean. Phosainn thu ’dh-aindeoin mo chàirdean, Gun toil m’ athar no mo mhàthar; Iain Saor a tha mi ’g àireamh, Gur h-e ’chnàmh a ghruag dhiom. Tha ’n Nollaig a tigh’nn as ùr oirnn; Ged a tha gur beag mo shùrd rith’, ’S am fear nach fàgadh ’sa chùil mi Air chùl nan tonn uaine. ’S beag a shaoilinn fhìn an uiridh Gun tréigeadh tu mi cho buileach; Mar gun tilgeadh craobh a duilleach Dh’ fhàs thu umam suarach. ORAN Do dh-Aonghus Camaran, mar gum b’ ann le nighinn òig air an robh e a suiridhe, LE AILEIN AN RIDGE. LUINNEAG. Och, mar tha mi is mi nam ònar; Gur h-e a chràidh mi nach robh sinn còmhla. Mo cheist an t-Ileach mo leannan dìleas; Mo chreach ’s mo dhiobhail bhith dhìth do chòmhraidh. Nàile, ’s e mo ghaol an t-uasal A dh’ fhalbh an cuan; ’s ann Di-luain a sheòl e. Do ghràdh tha ’m bhuaireadh a dh’ fhag cho truagh mi; ’S e fàth mo ghruamain nach d’ fhuair mi còir ort. Mo cheist am fiùran a dh’ fhàg an dùthaich Le luing mhaith ùir fo cuid shiùil a seòladh; Nach gabhadh cùram a dhol ga ’stiùradh, ’S a dheanadh iùl ’s tu mu chùrsaibh eòlach. Nan éireadh stoirm ort no séideadh gailbheach Bu treun, neo-chearbach, air falbh nam bòrd thu. Bu ro mhath t’ ìnnleachd gu tarruinn dìreach, Fear mara ’s tìr thu, ’s bu dìleas dòmh-s’ thu. Làmh bu chìnntiche ’thàirneadh sgrìobhadh, Le ite pìnn gum bu ghrinn do mheòirean. Bu sgoilear Beurl’ thu bu ro mhath ’leughadh, Le barrachd céille, ’s tu beusach, bòidheach. Gach dealbh ’bu bhriagha ’s bu taitneach ìomhaigh, Bu mhath do mhiaraibh gun cur an òrdagh; Gu ’n tarruinn ceutach, gu dreachmhor, éibhinn; Thug mise spéis dhuit nach tréig ri m’ bheò mi. Nam cluich a chiuil gum bu mhodhail, ionnsaicht’ thu; Dannsair sùnndach air ùrlar bhòrd thu; Do cheum troimh ’n rìdhle ’s e thogadh m’ ìnntinn; Gur h-iomad nìonag air tì do phòige. Fear inich calma ’bu ghrinne dealbh thu, ’S tu cuimir, garbh, ged nach duine mòr thu. Nan togteadh suas thu gu trod no tuasaid, Bu smearail cruaidh thu gu bualadh dhòrnaibh. Gur mis’ tha ’n éigin mu ’n fhear a thréig mi, ’S a dh’ fhalbh an dé air loch réidh Bhras d’Or bhuainn; Ach Aonghuis òig, gus an dig thu ’n taobh so Cha tog mi sùil ri fear eile phòsadh. Is ann a mhuinntir Ile a bha Aonghus Camaran. Is e maighstir-sgoil’ a bha ann. Rugadh Ailein Domhnallach aig Allt an t-Srathain an Lochabar an 1794. Thàinig e do Cheap Breatunn an 1816. Bha e a fuireach air an Ridge, no am Màm, am Màbu. Theirteadh mar sin am bitheantas Ailein an Ridge ris. Dh’ fhàg e an Ridge is thàinig e dh’ fhuireach do ’n Abhainn-a-Deas, an siorramachd Antigonish, an 1847. Chaochail e an 1868. Bha e na ’sheanachaidh math is na ’dhuine taitneach. Iadsan a Phaigh. Iain C. Domhnullach, Ardness, N. S. Iain Domhnullach, Antigonish, N. S. A A Mac-Gillebhràth, Dun-glas, N. S> Alasdair Beuton, Beaton’s Mills, E.P.I. An t-Urr. Seumas Phelan, Montague, E.P.I. Mor Nic-Aonghais, Martinvale, E.P.I. A. N. Mac Amhlaidh, Steornabhagh, Que. Niall D. Mac Iomhair, McLeod’s Crossing, Que. R. W. Leonard, Montreal, Que. Cailean Mac-Gilleain, McLennan P O, Ont. Niall A Mac Neill, Boston, Mass. Bean D. Mhic Fhionghain, Mooreton, N.D. Alasdair Mitchell, Beausmont, N.D. Alasdair Torrey, Beausmont, N.D. Seoras Mac Coinnich, Milton, N.D. Iain A. Mac Leoid, San Francisco, Cala. Niall Mac Leoid, Waipu, New Zealand I. B. Mac Aoidh, Waipu, New Zealand Uilleam Mac Amhlaidh, Sashader, Alba An t-Olla Masson, Duneideann, Alba Iain Hosack, Duneideann, Alba Bean Mhurchaidh Mhic Leoid, Sharabost E. C. Ouiggin, Cambridge, Sasunn Iain Mac Amhlaidh, Eildeir, Port Morien Domhnull Ros, Port Morien An t-Urr. D. Mac Gillemhaoil, Sidni Mines Aonghas Camaran, Princeville Iain F. Siosal, Long Point Ruairidh Mac Coinnich, Whitney Pier A S Dughallach, Margaree Colla Caimbeal, Ceann Bagh Hogamah Gilleasbuig Mac Phail, Orangedale Gilleasbuig Feargasdan, M. B. Road Aonghas Mac Cormaic, Louisburg Iain R. Caimbeal, Jamesville Aonghas Domhnullach, Abhainn a Tuath D. I. Domhnullach, Stewartdale Padruig Moireasdan, Shipyard, Sidni Gilleasbuig Gillios, Bridgeport Iain A Mac Cuthais, Whitney Pier Bha an duthaich gle fheumach air na frasan uisge a thainig oirre deireadh na seachduin s’a chaidh. Ann an Ceap Breatunn bha sinn cho gearaineach air fuachd na sìde ’s nach robh moran dhinn a’ cur suim ’san tiormachd, ged bha sinn ùine mhor gun uisge. Bha an tiormachd gle mhor ann an Cuebec, an Ontario, agus anns na Stàidean. B’ ann seachduin gus an dé a shìl a cheud fhras uisge ann am Montreal a chunnaic iad o chionn da fhichead latha. Ach b’ ann ’sna Stàidean bu mho rinneadh de chall, a chionn gu ’m b’ ann an sin bu mhò an teas. Gu ’m meal thu e, ’s gu ’n caith thu e, ’s gu ’m faigh thu bean r’ a linn. Ghabh e’n càl mu’n d’ rinn e’n t-altach. Gheibh an t each éasgaidh a luchd. Gheibh an t-uaibhreach leagadh an uair a’s àirde e. Gheibh a shroin fuarachadh. Gheibh bò bleoghan is gheibh domhain daoine. Gheibh gach neach an ni ’tha ’n dàn. Glac ciall, gabh biadh, iarr Dia, ’s cha’n eagal duit, Gu ’n dean e maith an rathad a chaidh e. Ami Mhoraidh. Tha a bhan-òranaiche so a choisinn Duais air-son seinn aig a’ Mhòd Ghàidhealach ri cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach am miosan Màigh is Iun. Tha i toileach còrdadh a dheanamh air-son concerts a chumail an caochladh àiteachan, agus gheibhear gach fiosrachadh a thaobh nan amannan ’s nan cumhachan le sgriobhadh uice mar a leanas:— MISS AMY MURRAY, 20 West 28th Street, New York, N. Y. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. . EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 192] [Vol. 11. No. 24. p. 8] ORAN DO DH-AMERICA. LE IAIN DOMHNALLACH, AN SEALGAIR. Mo shoraidh bhuam an diugh air chuairt Thar chuan do bhràigh nan gleann, Gu tìr nam buadh, ge fada bhuam i, Tìr nam fuar bheann àrd. ’S e tigh’nn a thàmh do ’n àit s’ as ùr A dh’ fhàg mo shùilean dall. Nuair sheol mi ’n iar, a triall bho m’ thìr, A rìgh gur mi bha ’n call. Dh’ fhàg mi dùthaich, dh’ fhàg mi dùthchas; Dh’ fhan mo shùgradh thall. Dh’ fhàg mi ’n t-àite bàigheil, caomh, ’S mo chàirdean gaolach ann. Dh’ fhàg mi ’n tlachd ’s an t-àit’ am faict’ e, Tìr nam bac ’s nan carn. ’S e fàth mo smaointinn bho nach d’ fhaod mi Fuireach daonnan ann. Dh’ fhàg mi cuideachda nam breacan B’ àluinn dreach is tuar; Armuinn ghrinne, laidir, inich, Gillean bu ghlan snuadh; Fir chalma, reachdmhor, gharbh, ’s iad tlachdmhor, Bu dearg daite an gruaidh, Luchd an fhéile ’n àm an fheuma Leis an éireadh buaidh. Bhiodh Dòmhnallaich na ’n éideadh gasd’, Cha cheum air ais bhiodh ann; Luchd fhéile ghartan, chòtan tartain, ’S osain bhreac nam ball, ’S nam boineid ùra, dùbh-ghorm, dathte Air tùs am mach na ’n rang. B’ iad féin na seoid nach géill ’s iad beo, Bu treun ’sa chòmhrag lann. ’S tric a dhìrich mi ri màm ’S mo ghunna ’m làimh air ghleus, Mo mhiann ’san àm bhith siubhal bheann ’S mo chuilein seang air éill, Dìreadh ghlacagan ’sa gharbhlach, Sealg air mac an fhéidh; ’S tric a leag mi e le m’ luaidhe, Ged bu luath a cheum. Air maduinn chiuin bu mhiannach leam ’Bhith falbh ’s mo chù ri m’ shàil Le m’ ghunna dùbailte nach diùlt Nuair chuirinn sùil ri h-earr Luaidhe ’s fùdar ’chur na ’n smùid, ’S i chéaird dh’ an dug mi gràdh, Feadh lùbaibh cam air àird nam beann ’S am bi damh seang a fàs. B’ e sud m’ aighear-sa ’s mo shòlas Crònanaich nam fiadh, Mu Fhéill-an-ròid bhith tigh’nn a chòir An fhir bu bhòidhche fiamh, Bhith falbh nam bac ga ’n sealg ’sna glacaibh, Nuair bu daite am bian. ’S tric a tholl mi mac na h-éilde Seal mu ’n éireadh grian. An nis ’s ann thréig gach cùis a bh’ ann Mi ’n so ’s mi ’m fang fo chìs An tìr an t-sneachda ’s nam feur seachte.— Cha b’ e a chleachd mi-fhìn A bhith faicinn dhaoine cairtidh, Crannda, glas, gun bhrìgh, Le triùsair farsuinn, sgiùrsair casaig, ’S cha b’ e ’m fasan grìnn. Chi thu còmhlan ac’ ag òl ’S an stòr ma théid thu ann, Iad ri bòilich is ri bòsd, ’S iad gòrach leis an dram; An àite rapach, poll fo ’n casan, Stòpan glas ri ceann, Rùsgadh dheacaid diu ’s ga ’n stracadh, ’S iad mar phaca cheàrd. ’S truagh, a righ, gun d’ chuir mi cùl Ri m’ dhùthaich le m’ thoil féin, Le bhith an dùil ’san àit as ùr Nach faicinn tùrn gam dhìth. Ach còir air fearann, òr, is earras Bhith aig gach fear a bh’ ìnnt’, Bha chùis gu baileach orm am falach, ’S mheall mo bharail mi. Thug mise cion nuair bha mi òg Do bhith an còir nam beann, Is saoilidh càch gun robh mi gòrach, ’S gun iad eòlach ann. An spéis a thug mi ’dhamh na cròic Cha déid ri m’ bheo a m’ chom, Bhon dh’ fhàg mi tìr na seilg ’s nan sàr, Tha m’ aigneadh cràiteach trom. Cha chluinn mi dùrdan madainn dhrùchd’ Am barraibh dlùth nan sliabh, Cha loisg mi fùdar gorm an stùc ’S cha chuir mi cù ri fiadh. Bhon chuir gach cùis a bh’ ann rium cùl, Dh’ an dug mi rùn gu dian, ’S tìm dhomh bhith na’s tric’ air m’ ùirnigh, ’S leanachd dlùth ri Dia. 1834. Rugadh Iain Domhnallach—Iain Mac Dhomhnaill mhic Iain—an Lochabar ’sa bhliadhna 1795. Bha e na shealgair fhiadh ’san t-seann dùthaich. Thainig e do dh-America an 1834. Bha e a fuireach am Màbu an Ceap Breatann. Chaochail e an 1853. Bha e na dhuine measail. THA TAIGHEAN BEAG AGAM. LE SEUMAS MUNRO. Tha taighean beag agam Is lios agus pàirc, A chumas rium càl Is aran na ’s leoir; Is feumaidh mi caileag A thaghadh gun dàil, A chumas mi blàth, ’S an fhàrdach air seol. ’S i gruagach gun uabhar ’Bu luaidh leam a thaghadh; Cruinn-chuachag bheag shuairce, Gun bhruaidhlein, mo roghainn; A bheireadh a gràdh dhomh Gach oidhche ’s gach là, ’S a chumadh air àird Gach ni mar bu chòir. Bu mhath leam i suilbhear, Neo-chuilbheartach, òg, Le tuigs’ agus fòghlum Freagrach do m’ chàs; Té ’chumadh mo léintean Is m’ éideadh air dòigh, ’S a dheanadh dhomh ceòl Nam bithinn fo phràmh; I tàbhachdach, làmhach, Neo-bhà feadh an taighe; A dh’ éireadh gu tràthail, ’S an dàmhair a laigheadh; A chumadh na pàisdean, Nam bitheadh iad ann, Cho glan, cas gu ceann, Ri meann fir na cràichd. B’ i sud a bhean loinneil, A thoilleadh mo ghaol, ’S am fulasgadh caoin, ’S an caomhalas còrr; ’S gur mis’ a bhiodh toigheach A cumail air saod, ’S gun deanainn na dh’ fhaodainn Rithe ri m’ bheo. Bheirinn gùn d’ i is rùn, Agus cliù dleasdanach; B’ i mo luaidh i gach uair; Ghabhainn cuairt, feasgar, leath’ Feadh nam bruach dìtheineach, Mìsleineach, àigh; ’S bhiodh ban-dia a ghràidh Ga fàiteach ’nar còir. Fulasgadh, rocking. Toigheach, attentive, watchful, loving. Fàiteach, smiling. Rugadh Seumas Munro aig Gearasdan Ionar-Lochaidh mu ’n bhliadhna 1794. Bha e re ùine mhoir na mhaighstir-sgoile aig Blàr Odhar. Bha e lan de sgoil, de cheol, ’s de bhàrdachd. Chaochail e ’sa bhliadhna 1870. Cha robh e pòsda riamh. Tha an Gràmar Gaidhlig a chuir e am mach na leabhar ro-luachmhor. Air son riaghailtean gu Gaidhlig a sgriobhadh gu ceart is e gràmar a’s fearr a tha ann. A. M. S. Ma tha mo chuid airgid anns a’ chapull, thig e dhachaidh uaireigin. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1.26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 193] [Vol. 11. No. 25. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 12, 1903. No. 25. Litir a Loch Laomainn. Tha mi ’sgriobhadh so ugad, cha ’n ann o Loch Laomainn an Alba, ach o fhear-ainme, loch bòidheach eile an Ceap Breatunn. Tha beagan a lathair fhathast aig an Loch so de ’n mhuinntir a dh’ fhag an t-seann duthaich trath anns an linn a dh’ fhalbh. Bheir mi iomradh ann an so air aon teaghlach dhiu sin. Bha duine ann an Rimisgaraidh, an Uidhist a chinn-a-tuath, do’m b’ainm Aonghas Domhnullach, no, mar a theirteadh gu coitcheann ris, an Saor Mór; agus an uair a rachadh a shloinneadh air a mhuinntir o ’n d’ thainig e, ’s e theirteadh ris, Aonghas mac Dhomhnuill ’ic Iain òig. Phòs e Mairearad Dhomhnullach, as an aon bhaile, tha mi ’m beachd, ris fhein. Thainig iad do ’n duthaich so anns a’ bhliadhna 1828. Thog iad fearann an Cobh nan Eirionnach, far an do dh’ fhan iad ceithir bliadhna. As a sin chaidh iad air imrich gu Loch Laomainn, far an do thuinich iad gu àm am bais. Chaochail an Saor Mor aig aois tri fichead is ochd deug, ach rainig Mairearad a bhean ceud bliadhna ’sa h-aon mu ’n do bhasaich i. Bha piuthar aice mar an ceudna a rainig aois ceud bliadhna ’s a h-aon. Bha i posda ri fear Domhnull Domhnullach. Cha’n e sin a mhain, bha mathair nam mnathan so beo gus an robh i ceud ’sa h-aon a dh’ aois. Nise, tha ochdnar de theaghlach an t-Saoir Mhoir beo fhathast, agus tha mi ’cur sios an so ainm agus aois gach aon diubh. Domhnull, a mac bu shine, a dol na cheithir fichead ’sa h-ochd deug; Cairistine, bantrach Iain Dhomhnullaich, ceithir fichead bliadhna ’sa coig deug; Anna, bantrach ’Illeasbuig Mhoireasdan, ceithir fichead bliadhna ’sa tri deug; Mairearad, bantrach Dhomhnull Munro, ceithir fichead bliadhna ’sa seachd; Iain, ceithir fichead bliadhna ’sa coig; Sìne, bantrach ’Illeasbuig Mhic Cuthais, ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon; Ceit, bantrach Alasdair Dhomhnullaich, (Alasdair mac Dhomhnuill ’ic Gillechriosd) tri fichead ’sa coig deug; Aonghas, tri fichead ’sa tri deug. Ma chuireas sinn ri cheile na h-aoisean sin ni iad sia ceud ceithir fichead ’s a seachd a bhliadhnachan (687). Agus tha e deanamh an aois bhar a cheile ceithir fichead ’sa h-ochd. Cha ’n fhaca ’s cha chuala mise mu theaghlach anns an linn so a theid seachad air a sin. Co theireadh nach ’eil an duthaich so fallain. Tha Domhnull, am fear is sine de ’n teaghlach, agus a tha nise cho dluth air a cheud, a mealtuinn slainte mar nach olc. Tha e comasach air dol a mach ’sa steach gun dragh do neach eile agus tha a bhuadhan inntinn a seasamh ris gu math. Tha a bhean beo, mar an ceudna, is i fein ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug mur ’eil an còrr; agus tha iad posda tri fichead bliadhna agus a h-aon deug. Ma tha iomradh air teaghlach eile de ’n leithid so bu ghle thoil leam cluinntinn mu ’n deidhinn. Ma tha leth-bhreac so an Gaidhealtachd Alba o cheann gu ceann tha mi ’n dochas gu ’n toir mo charaid “Iain” cunntas dhuinn orra. Cha ’n ’eil fios nach tuig e co na daoine do ’m buineadh an fheadhainn air an tug mi an t-iomradh aithghearr so. Le mor dhurachd, Is mi do charaid, C. C. P. S.—Dhearmaid mi radh gu bheil sliochd an t-Saoir na ’n daoine ’s na ’m mnathan a tha coir, measail. Tha Domhnull agus Aonghus, am fear a’s sine agus am fear a’s òige, nam foirbhich ’san Eaglais Chleirich. Tha clann oghaichean agus iar-oghaichean ann an lionmhorachd nam measg. Ghabh am fìonan freumh, agus tha i a sgaoileadh am mach a geugan. Tha daoine breithneachail a tha gabhail beachd air mar tha cùisean a’ gluasad dhe ’n bharail gu’m bi àireamh sluaigh Chanada air a dùblachadh mu ’n ruith deich bliadhn’ eile. Air a bhliadhna so fhein tha dùil ri dlùth air ceud mile de luchd-imrich a thighinn innte. Agus tha e gle choltach gu’m bi barrachd air an àireamh sin na h-uile bliadhna ’n deigh sin, agus nuair theid an sluagh àireamh a rithist, an 1911 nach bi na’s lugha na deich muillion eadar bheag is mhor anns an dùthaich. Tha sgriobhadar àraidh air tir-mor a’ cur sios air muinntir na siorrachd so air-son cho trom ’s a tha iad a’ fàs air bhi stobadh ’s a’ tilgeadh cach a cheile. Tha gun teagamh tuilleadh ’s a chòir de gach seòrsa mi-riaghailt a’ dol air adhart, ach nuair bheirear fa-near an liuthad seòrsa sluaigh a tha ga ’n cosnadh fein ’san t-siorrachd, tuigear gu bheil e doirbh sin a sheachnadh. Nuair bhios daoine as gach dùthaich is cearn air an cur a dh’ obair ’s a dh’ fhuireach am measg a cheile, is dual gu’m bi aimhreit na ’m measg. Cha’n eil teagamh againn nach eil an t-sìth air a cumail an so a cheart cho math ’s a ghabhadh i cumail ann an siorrachd sam bith eile do’n tigeadh àireamh cheudan no mhìltean de shluagh coimheach. “Ceannsaichidh a h-uile fear an droch-bhean ach am fear aig am bi i.” Tha iomadh duine anns na Roinnean Iochdrach an diugh a tha gu math na’s bochda na ’chrannchar na bha e tri miosan roimhe so. Bha àireamh mhor a’ cluich air stocks o chionn bliadhna no dha air ais, ach mu choinneamh gach aon a bhuannaich tha dha dheug a chaill. O chionn mios no dha tha prìs nan stoc a’ sior thuiteam, agus mar bu mhò a thuiteadh iad ’s ann bu mhò a bha iadsan a bha cluich orra a’ call. Tha e doirbh fhaighinn a mach dé uiread ’s a chailleadh, ach thatar a’ meas gu’n do chailleadh tri cheud mile dolair ($300,000) ann an Sidni a mhàin. Ann am bailtean eile bha ’n call a reir sin, agus tha iomadh aon air a thoirt gu bochdainn. Tha so na leasan garbh,ach cha bhi e gun fheum do’n dùthaich ma theagaisgeas e do dhaoine an seòrsa cluich ud a sheachnadh, agus feuchainn, ma tha iad air son a bhi beairteach, ri fhaighinn air dòigh a’s cinntiche agus a’s onaraiche. Ma bha cuid an dòchas nach b’ fhior shith a bha ann an Africa mu Dheas, tha iad air am mealladh. Cha’n eil fhathast bliadhna o’n thainig crioch air a chogadh, gidheadh tha an diugh pàrlamaid cruinn anns an Transbhaal—pàrlamaid air a taghadh leis an t-sluagh, agus anns am bheil luchd-ionaid aig na Boerich a cheart cho math ris na Breatunnaich. Am bheil dùthaich eile air uachdar an t-saoghail a bheireadh cothrom riaghlaidh do shluagh an taobh a stigh de bhliadhna ’n deigh dhaibh a bhi cogadh rithe? Tha Canada a’ cur thairis le “aonaidhean.” Cha’n eil baile ach gann ’san dùthaich anns nach eil “aonadh” aig gach seòrsa luchd-ceairde dhaibh fein. Tha sin ceart agus coltach gu leòr, ach tha aon rud ri radh mu’n deidhinn nach eil ga ’m moladh do mhuinntir na dùthcha so—gu bheil iad air an riaghladh agus a’ gabhail an òrduighean á ceanna-bhaile na Stàidean. Tha teachdairean as an dùthaich sin gu tric ag aobharachadh aimhreit is call do luchd-obrach an Canada le bhi ga ’m brosnachadh gu sgur a dh’ obair ’s seasamh a mach nuair nach eil deagh aobhar air sin a dheanamh. Thachair so ann am Montreal a thaobh luchd-obrachaidh nan càrachan-sràide; sheas iad a mach gun aobhar sam bith, ach gu’n robh iad am barail gu robh na’n comas tuilleadh tuarasdail fhàsgadh as a’ chuideachd. Nuair nach deachaidh sin leotha, chaidh a’ mhor chuid dhiu air ais a dh’ obair, agus thilg iad aonadh nan Stàidean a thaobh ’s chuir iad aonadh air chois dhaibh fein. Chunnacas rud a b’ iongantaiche na ged thachradh a leithid sin am bailtean eile cuideachd. Tha Riaghladh Cholumbia Bhreatunnaich geàrr-shaoghalach. Tha e daonnan air clachan-turamain, agus ag atharrachadh o thaobh gu taobh cho tric ’s nach urrainn do neach nach eil gu math geur san inntinn a leantuinn. Chaidh car eile chur dheth toiseach a mhios so, nuair bha a phàirtidh a bha fo cheannsal a’ Choirneil Prior air a cur á dreuchd leis an Riaghladair. Ma ’s fior gach sgeul a tha sinn a’ cluinntinn, tha dùthchannan air an t-saoghal aig am bheil luchd-riaghlaidh a’s duineile ’s a’s uaisle ’s a’s neo-fheineile na bha aig Columbia Bhreatunnach o chionn grunn bhliadhnachan. Tha daoine ’g innse gu bheil an àireamh mhor de luchd nam politics anns an roinn sin na’s deidheile air am probhaid fein na tha iad air math a dheanamh do’n dùthaich. Cha’n eil ach fear ainneamh ’sa phàrlamaid nach buin do chuideachd mèinne no rathaid-iarainn, agus mur faigh gach aon dhiu sin gach ni is àil leis iarraidh air-son na cuideachd d’ am buin e gu’m bi ’n aimhreit air a bonn. Tha e eu-comasach do riaghladh dùthcha a bhi aon chuid ceart no buan fhad ’s a dh’ fhàgar e an lamhan dhaoine dhe’n t-seòrsa sin. Cha’n eil leigheas air ach an sluagh a thaghadh dhaoin’ earbsach, onarach, a chuireas feum na dùthcha air thoiseach air am buannachd féin. Tha Columbia Bhreat- [TD 194] [Vol. 11. No. 25. p. 2] unnach na dùthaich air an do bhuilich nàdar moran saibhreis, agus bu mhor am beud e gu ’m biodh a soirbheachadh air a chumail air ais le droch riaghladh. Cha tig adhartas gu bràth air dùthaich anns am bi luchd-stàite a sior tharruinn gu’n dorsan fein. Bha maraiche misneachail ann an Sidni da sheachduin air ais a bha ’cur roimhe dhol thar cuain ann am bàta nach robh ach gann da throidh dheug a dh’ fhad. Bha ’m bàta sin ri fhaicinn fad seachduin air-son tasdan an ceann, agus bha ’n sanas a bha tarruinn aire ga ’ionnsaidh ag radh gu’m b’e an t-ioghnadh bu mhò air an t-saoghal. Cha’n eil iadsan a chunnaic am bàta air tir a’ cur an aonta ris a chùnntas sin, ach tha gach aon a chunnaic e air uisge ag radh ma ruigeas e thall gur h-e gun teagamh an t-ioghnadh as mò a chunnacas o linn na h-àirce rinn Noah. Maduinn a’ cheud la dhe’n mhios so, luchdaich an Caiptean Wawn am bàta le biadh ’s le uisge, thog e ’n seòl ’s dh’ fhalbh e. Bha so aig aon uair deug ’sa mhaduinn. Aig ochd uairean feasgar rainig e Sidni Tuath, an deigh ànradh mor fhaotainn air an t-slighe, a ghaoth na aghaidh, am bàt’ air fàs ao-dionach, ’s tuinn bheaga na h-acarsaid a’ cur ris gu h-olc. Cha chuala sinn gu ’n d’ fhàg e am port sin fhathast. Tha maraichean comasach ag radh nach téid am bàta ’s an duine gòrach a tha ga sheòladh fad o bheul na h-acarsaid nuair theid an slugadh suas leis a mhuir, agus nach ruig e cladaichean an t-seann dùthcha gu dìlinn. Dh’ fhàg sgiobair eile Boston deich latha roimhe sin air an turus amaideach cheudna, le bàta coig troidhean deug a dh’ fhad. Feumaidh e bhith gu bheil sgiobairean ri ’n seachnadh aca anns na Staidean. Naidheachdan. Chaidh caileag bheag ann an siorrach Kings air chall ’sa choille seachduin no dha air ais, agus ruith coig latha seachad mu’n d’ fhuaireadh i. Bha i fad na h-ùine sin a’ tighinn beò air luibhean a bha i buain ’sa choille agus air uisge. Tha a bhreac air brisdeadh a mach ann an St. John’s, Newfoundland. Toiseach a mhios bha coig taighean dùinte leatha, agus bha aon duine deug na laidhe tinn ’san tigh-eiridinn. Coltach ris a bhric a bha timchioll nan criochan so fhein, cha’n eil i so gle dhona, agus cha’n eil eagal gu’n aobharaich i moran bhàs. Thatar a’ deanamh gach dichioll air a cumail o sgaoileadh. Air a mhios a dh’ fhalbh bha coig deug air fhichead de luchd nan tighean-òil air am faotainn ciontach ann an Sidni—an obair-mios a b’ fhearr a rinneadh riamh fo ’n Scott Act. Cha’n eil so a’ dearbhadh gu bheil barrachd òil a’ dol air adhart ’s a b’ àbhaist, ach gu bheil iadsan ris am bheil obrachadh an lagha air earbsa a’ fàs na ’s ealanta no na ’s eudmhoire na bha iad roimhe so. Chaidh bantrach Uilleim Mhic-a-Ghobha, seana bhean a bha ’fuireach leatha fein air a Chladach a Tuath, a losgadh gu bàs air an ochdamh la fichead dhe’n Mhàigh. Bha i beothachadh an teine ’sa mhaduinn nuair a rinn an lasair greim air a h-aodach, agus air dhi a bhi air fàs lapach cha robh na comas i fein a shàbhaladh. Bha i marbh nuair fhuaireadh leis na coimhearsnaich i. Cha deach an tigh a losgadh idir. O chionn seachduin no dha air ais tha an rionnach anabarrach pailt an caochladh àiteachan air cladach an ear an eilein so. Ann an Carribou Cove tha e na’s pailte na ’s cuimhne leis na seann iasgairean fhaicinn riamh roimhe. Bhatar a’ faighinn luchd dha no tri bhàtaichean anns gach lion a bha mach. Daoine aig an robh àireamh lion an cur, bha iad air an cumail na’n cabhag fad dha no tri làithean a’ toirt an éisg asda. Na ’n robh reic mhath air an rionnach dheanadh na h-iasgairean cnapach fortain, ach eadhon mar a tha, ni iad an deagh thuarasdal samhraidh. Tha muc-mhara bhàn o chionn dha no tri de sheachduinean ag iomairt chleas ann an lochan a Bhras d’Oir. Toiseach na seachduin s’a chaidh, bha i aig abhainn Dhennis far an deach i air grunnd, agus rinn i troimhe-cheile mhor gus an d’ fhuair i gu uisge domhain. Tha gu leòr a’ feuchainn ri marbhadh, ach o nach dearg peileir gunna oirre, ’s o nach eil airm a’s truime na sin ri fhaotainn, is e ’s dòcha gu’m bi air ais gu sàbhailte do’n chuan mhor. Tha daoine creideasach a chunnaic an t-ainmhidh so ag radh gu bheil i faisg air ceithir fichead troigh a dh’ fhad. Bha da dhuine dheug, sgioba soithich-iasgaich, air am bàthadh faisg air Bay of Islands, Newfoundland, Di-haoine an deicheamh la fichead dhe’n Mhàigh. Bha iad a muigh ann am bataichean a’ frithealadh do na lìn nuair dh’ eirich soirbheas a dh’ fhàg a mhuir cho garbh ’s nach b’ urrainn dhaibh faighinn air ais dh’ ionnsaidh an t-soithich. Bha sia bàtaichean ann, ’s dithis dhaoine anns gach bàta, agus bha iad uile air an cur do ghrunnd a chuain. B’ ann a mhuinntir Lunenburg, N. S., a bha na daoine. Cha robh air fhàgail air an t-soitheach dhe’n robh iad ach an sgiobair agus cnapach gille. Tha an t-Urr. Tearlach Mac-an-Tòisich, ministeir Meinn an Reserve, a bha o fhoghar s’a chaidh ann an Alba, air tilleadh dhachaidh. Re na h-ùine sin bha e ’gabhail cùrsa an colaisde na h-Eaglais Shaoir Aonaichte ann an Glascho. Chuir e seachad seachduin dhe thìm ann an Colla, eilein dùthchais pàirt de shìnnsir. Bha e mar an ceudna ’san Oban, ach cha d’ fhuair e uiread siubhail a dheanamh ’sa Ghàidhealtachd ’s a bha e ’n dùil air tàille doirbhead na sìde. Chòrd a thuras do’n t-seann dùthaich ris gu math; ach a dh’ aindeoin sin tha e gu mor dhe ’n bharail gur h-i ’n dùthaich so fhein a’s roghnaiche mar àite-comhnaidh. Bha na saoir anns a bhaile so a’ bagairt sgur a dh’ obair toiseach na seachduin s’a chaidh. Chuir iad sios ga ’n ionnsaidhsan aig an robh obair ri dheanamh gu robh iad ag iarraidh an tuarasdal àrdachadh gu da dholair gu leth ’san latha. Cha’n eil an obair, a reir coltais, cho pailt ’s a bha i bliadhnachan roimhe so, agus air an aobhar sin cha d’ fhuair iad gealladh sam bith gu’m biodh an tuarasdal air àrdachadh. Bhagair iad an sin sgur a dh’ obair air a cheud latha dhe’n mhios, ach tha e coltach gu’n d’ aontaich iad an deigh sin nach b’ e ’n gliocas dhaibh sin a dheanamh. Bha na saoir ann am baile Halifacs a’ bagairt sgur aig an àm cheudna, ach lean iad rompa mar a rinn iadsan an Sidni. INNSEAN NA H-AIRDE ’N EAR. THA na Gàidheil glé eòlach air na focail “na h-Innsean.” Is iomadh Gàidheal cruadalach, tapaidh a chaith moran de ’n neart ’us de ’làithean anns na h-Innsean. Is ann da rireadh air mhodh simplidh iongantach a thòisich Breatunn air sealbh a ghabhail air cuibhrionn an deigh cuibhrionn de ’n dùthaich fharsuing, bheartach, “Innsean na h-àirde ’n ear,” ann an ceann mu dheas Asia. Is ann as leth am marsantachd a chaidh Breatunnaich air tùs do ’n tìr thorach, bhrioghmhor ud. Le comhnadh ’us le gaisge Chlibhe ’s Hastings agus iomadh duine glic, seòlta ’s aghartach eile, fhuair Cuideachd Innsean na h-airde ’n ear uachdaranachd mhor anns an dùthaich ud far am bheil iomadh righ ’us banrigh, agus prionnsa ’s bana phrionnsa, ’s sluagh anabarrach lionmhor. Bithidh cuimhne mhaith aig moran Gaidheil air an aramach a rinn luchd àiteachaidh na dùthcha ud an aghaidh Bhreatuinn, bho cheann cuig no se ’s da fhichead bliadhna. Ghleachd na h-Innseanaich gu dùrachdach, fuileachdach, brùideil. Is iomadh ceannard ’us saighdear àluinn a chaill a bheatha ann an ciosnachadh an aramach nimheil, a rinn luchd-aiteachaidh nan Innsean. Fhuair feachd Bhreatuinn, fo stiuradh ceannardan foghainteach, treunmhor, neo-sgathach, lamh an uachdair fa dheoidh air an aramach. Am measg nan laoch meamnach iomraiteach a rinn euchdan treubhach, bha Morair Chluaidh, Tighearna Srath an iarunn, (Strathearn) Havelock, an da bhràthair Lawrence, agus iomadh ceannard dìleas, curanta eile. An uair a bha ughdarras Bhreatuinn a rithist àrd ’us seasmhach, agus a bha suaicheantas Bhreatuinn a’ crathadh anns gach soirbheas, thàinig crioch gu bràth air ainm ’us cumhachd ’us riaghladh Cuideachd Innsean na h-airde ’n ear, agus chaidh a Bhan-righ Bhictoria ainmeachadh agus aideachadh mar ard-uachdaran air fad ’s air leud nan Innsean. Ann am beagan bhliadhnachan an deigh an aramach, chaidh an t-ainm uasal eireachdail, Ban-Iompaire nan Innsean a’ bhuileachadh air a Bhan-righ Bhictoria. Tha righrean ’us prionnsachan, ’us Cinnich lionmhor nan Innsean fìor-dhileas agus umhal do ’n Chrùn Bhreatuinneach. Bho ionadan iochdrach nan Innsean gus na cnoic a’s airde ’tha air an t-saoghal gu leir, tha gach righ ’us sluagh dìleas do Bhreatunn, agus da rireadh is còir doibh meas mor a bhi aca air Breatunn. Rinn na Breatunnaich le ’n sgil ’us le ’n eolas ’us le ’n innleachdan maith mor anns na h-Innsean. Tha rathaidean iaruinn fada diongmhalta thall ’s a bhos air feadh na dùthcha gu léir. Tha sruth chlaisean lionmhor anns an tìr, agus air an dòigh so tha iomadh learg ’us còmhnard tioram air an uisgeachadh agus a’ giùlan toraidh brioghmhoir, tiugh. Tha gort cumanta ann an cearnan àraidh. Leis gach dichioll a tha iad a’ nochdadh, tha na Breatunnaich a’ tabhairt cuideachaidh ann an ùine ghearr do ’n t-sluagh a tha ’fulang an ocrais aig àm air bith. Is e daoine geur-inntinneach a tha ann am moran de ’n sluagh. Tha iad gle-fhiosrach gu bheil sìth ’us soirbheachadh ’us tearuinteachd aca, do bhrigh gu bheil Breatunn a’ rioghachadh thairis orra. Is maith ’s aithne doibh nan tugadh Breatunn a gairdean càirdeil, cumhachdach air falbh uatha, gu tòiseachadh stri ’s upraid ’us naimhdeas ’n am measg fein, agus gu bitheadh righ a’ deanamh cogaidh an aghaidh righ eile, ’bha ’n a choimhearsnach aige, ’s mar so gu faigheadh e leis an laimh laidir greim air achaidhean ’us ionmhas nach buineadh idir dha. On tha Breatunn daonnan eudmhor as leth na corach agus na fìrinteachd, cha leig i le righ air bith eucoir a dheanamh air a choimhearsnach, no sìth ’us seasgaireachd na tire ’bhriseadh. Tha mar so gach righ ’us prionnsa sona ’s tearuinte ’n a chriochan fein. Tha oil-thighean a nis lionmhor anns na h-Innsean, agus tha iomadh duine òg gleusda ’faotuinn ionnsachaidh maith, agus air an dòigh so ’g a uidheamachadh fein airson gniomharan mora ’dheanamh, agus inbhe ard a lionadh ann an cùisean ’us ann an gnothuichean na dùthcha. Nochd righrean nan Innsean uair no dha gu bheil iad fior-dhileas do Bhreatunn, agus gu bheil iad deas aig àm air bith air a’ chlaidheamh a tharruing airson coirean ’us ceartas Bhreatunn a dhion agus a chumail suas. An uair a bha ’n Cogadh mu dheireadh aig na Ruisianaich leis na Turcaich, agus an uair a fhuair na Ruisianaich lamh an uachdair, agus a bha iad glé dhlùth air baile mor nan Turcach, chuir Breatunn le deifir anabarrach a cabhlach suas gu Constantinople, airson saorsa ’n t-Sultain a thearnadh, agus Ruisia ’bhacadh ’n a rùin feineil, breugach, mosach. Is e ’n t-Iudhach tapaidh, duineil agus glic, Disraeli, ’bha air ceann luchd-riaghlaidh Bhreatunn aig an àm so. Thug e moran shaighdearan bho Bhombae gu Malta: saighdearan foghainteach, calma, easgaidh, a rugadh agus a thogadh anns na h-Innsean. Chruinnich ann am Berlin daoine mora cumhachdach bho rioghachd no dha, airson cùisean nan Ruisianach agus nan Turcach a réiteachadh. Am feadh a bha ’n stri ’bagairt dol an aghaidh [TD 195] [Vol. 11. No. 25. p. 3] Dhisraeli, thubhairt e ann am morachd anama agus làn de bheartas ’us de ghaisge Bhreatunn, gu robh airgiod gu leoir aig a dhùthaich fein, agus gu robh saighdearan lionmhor aice aig an tigh agus anns na h-Innsean airson cogadh a dheanamh an aghaidh Ruisia ’s Rioghachd air bith eile ’dh-aontaicheadh leatha. Shoirbhich leis an Iudhach ghaisgeil, agus choisinn e cliu mhor bho na h-uaislean ’us bho na h-islean ann am Breatunn. Tha Ruisia làn cuilbheartan. Cha ’n fhiach focal a their i ’chreidsinn. Aig an àm so fein tha rioghachdan an t-saoghail a faicinn nach ’eil Ruisia airidh air meas air bith no air muinghin air bith a chur ann an gealladh no ann an cùmhnant a ni i. Tha i daonnan a’ deanamh oidheirp air olc a chuir an gniomh anns na h-Innsean an aghaidh Bhreatuinn. Cha chinn gu bràth le Ruisia borb, an-iochdmhor, aig nach ’eil comas no rùn no iarrtus air tearuinteachd a thabhairt do mhoran de na daoine truagha ’tha ’tuineachadh ’n a criochan. Bu laghach ’us b’ fhaoilidh ’us b’ easgaidh ’bha righrean nan Innsean ann an cuideachadh a thairgseadh do Bhreatunn le ’n saighdearan ’s le ’n ionmhas ann an cogadh taobh mu dheas Africa. B’ e Delhi baile mor urramach nan Innsean anns na linntean a bha ’s a dh’ aom. Aig toiseach na bliadhna so, bha cruinneachadh riomhach, dealrach, àillidh ann an Delhi, airson urram ’us umhlachd a dheanamh do ’n Iompaire ùr, Righ Bhreatunn, a tha ’nis a rìoghachadh gu glic, cùramach, comasach, thairis air mor-roinnean ’us eileanan Breatuinn gu h-iomlan. Gus an Durbar a bha air a ghleidheadh aig Delhi, thainig ann an àireamh mhor righrean ’us ban-righrean, prionnsachan ’us bana-phrionnsachan nan Innsean. Bha iad dealrach le clachan luachmhor boillsgeil. Bha ’n sgeadachadh eireachdail, àillidh, lurach. Bha neamhnuidean grinn, loinnreach a’ cur sgeimh iongantach air eideadh nan Innseanach rioghail aig Delhi. Ma dh’ fhaoidte nach robh riamh roimhe cruinneachadh co morail, eireachdail ’s a bha aig Delhi, airson onair a chur air an Iompaire Imhear, agus airson dearbhadh a thabhairt seachad gu bheil na Innsean fìor-dhileas do chrùn Bhreatuinn, agus gur e ’n uaill a’s modha ’tha aca ’bhi ’g amhairc orra fein mar chuibhrionn mor, farsuing, beartach ’us aghartach de Bhreatunn. CONA. EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. VII. AN T-OSDAIR IS UILLEAM GLACTE NA ’N RIBE FHEIN—EILEIN NAN SGARBH. BHA ’n t-Osdair dubh a’ gabhail fadachd nach robh a chompanach uilc a tilleadh o’n turus aognaidh air an do chuir e e. Mu dheireadh bha fhoighidinn a fàs goirid, agus a smaointinn gu ’m b’ ann is dòcha ga ’fheitheamh shuas a bha Uilleam, thog e leis poca mor cainbe is cuibhle bhall agus ghabh e suas. Bha ’n lobhta cho sàmhach ris a bhàs an uair a ràinig e suas—gathan faoin a chrùisgein a’ danns’ an cearcall mu ’n cuairt, a deanamh an dìchioll gus an dorchadas tiugh iomallach fhuadach o chriochan fhéin, ach gun mhoran buaidh. Fhuair e ’n dorus sraointe fosgailte, agus a’ gabhail a stigh agus fhiaclan a snagadh, sheall e gu h-eagallach mu ’n cuairt air. Chunnaic e, air leis, an sealgair ’san leabaidh gun chlì, agus na plangaidean air an tolladh is air an gearradh mu choinneamh a chridhe, ann an dòigh gu math duineil (thuirt e ris fhein), ach c’àit’ an robh Uilleam. “Uilleim! Uilleim!” ghlaodh e, “c’ àit’ am bheil thu? Fhaic thu so!” agus e ’toirt cnapach botuil as a phòcaid. Ach cha do fhreagair Uilleam, agus cha do rinn a bhriathran ach bualadh air ais mu mhalaidh fhéin. “Uilleam, a chladhaire!” ghlaodh e rithist, “c’àit’ am bheil thu ga d’ fhalach fhéin? Greas ort!” agus e leigeil a ghuth an àirde, “greas ort, mu ’n tòisich i air soilleireachadh mu ’m faigh sinn so seachad.” Cha do fhreagair guth. “Am fear mór ga m’ thogail!”— Cha d’ fhuair e na b’ fhaide. A réir coltais fhuair e iarrtas; oir aig na briathran thàinig cròg mhór lùthmhor á mullach an taighe a thog—uamhas nan uamhas—suas beò e. Le stri, ach gun ghuth, fhuair an sealgair e air mullach na leapa, agus ga ’chur air a beul fodha cheangal e gu teann cruaidh e mar a rinn e air an fhear eile. Thionndaidh e an uair sin e, agus fhuair an t-òsdair sealladh air a bhith eagallach a bha os a chionn, agus a réir choltais a bha ga ’dheisealachadh gu triall air slighe ’n dorchadais. Leig e ràn uamhasach as an uair a thug e aon sùil air a chruth, agus a deanamh ràn thruagh eile, ghlaodh e air an Dia sin, air an do rinn e iomadh tàir, a theasraiginn. “A Dhia sàbhail mi!” ars’ an creutair truagh; “tha anail ga m’ losgadh!” Agus an sin a fosgladh a shùilean a rithist chunnaic e Uilleam ri ’thaobh. “Am bheil thu aige, Uilleam! O, m’ anam! m’ anam truagh!” “Is iomadh uair a ghlaodh sibh air m’ ainm,” ars’ an sealgair ann an guth eagallach, agus a nis an uair a thàinig mi tha e coltach nach ’eil sibh ro thoilichte m’ fhaicinn. Ach cha ’n ann air a thàille sin dad a’s fhearr a bhios ur diol.” Ged a bha ’n t-òsdair a’ cumail am mach ri Uilleam is ris gach aon nach robh e gisreagach, nochd uair na deuchainn nach robh ann ach an gealtair, agus mur an robh e na bu mhiosa, nach robh e dad na b’ fhearr na iomadh bodach de na bha ’san tìr ri ’linn. Ach an ùine ghearr chuir a chluipeireachd i fhein an géill, agus smaointich e gu ’n rachadh aige air bargan a dheanamh ris a mhac-mollachd fhéin. Le rionnag fhaoin dhòchasach na ’shùilean, thionndaidh e iad air an t-sealgair, agus le guth dùrachdach thubhairt e: “O, dheamhain mhath, choibhneil, fàg mise greis fhathast, agus thoir leat Uilleam. Ged a tha e doirbh dhòmhsa tigh’nn as aonais, bheir mi dhut e gu toilichte. Dean so agus cha bhi aithreachas ort gu bràth.” Is gann a b’ urrainn an sealgair cumail air a ghàire air dha so a chluinntinn, agus gu h-àraidh an uair a chual’ e freagairt Uilleim. “O fàg, fàg mise, agus gun mi sean fhathast! Is esan cus a’s miosa! Is esan cus a’s miosa! Thoir thusa leat e, agus bidh mise ceart gu leor gu bràth tuilleadh.” Tha facal ag radh, an uair a theid na meairlich a throd gheibh an t-ionracan a chuid, agus b’ ann mar sin a dh’ éirich a nis. Chaidh an dithis a throd gu garbh, gach fear ga ’shaoradh fhein air beulaobh a bhreitheimh, agus bha gach fear a réir fhéin gun smal, na aingeal taghte. Fhuair an sealgair am mach gach ni m’a chunnart fhein, agus mu ’n t-sàbhaladh a chaidh air a bheatha, agus thuig e gu ’m feumadh e á so suas a bhi gu math faicilleach. Air-son crioch a chur air an conspaid, thuirt e ris na fìr: “Dh’ éisd mi rìbh uige so, agus chuala mi sibh, agus o na tha sibh cho fior mhath b’ e an call ur dealachadh, agus mar sin bheir mi leam sibh le chéile, air-son gu ’n iompaichear sibh, gu àite thuigeas sibh fhein.” Le so a radh thog e iad thun an urlair, agus chuir e iad ’sa phoca mhór a bh’ ac’ air a shon fhein, agus ga ’n ceangal ann gu teann cruaidh leis na buill, ’sa deanamh seòrsa de dh’ iris, thog e leis iad am mach as an taigh agus ghabh e air falbh leotha do dh’ Uamh-an-aoig, is dh’ fhàg e iad ’san oisinn a b’ iomallaiche ’sa b’ aognaidhe a bh’ ann. Thill e agus chaidil e greis air tri seann chathraichean. Ach gu math moch bha e air a chois, is e air éigheach a chluinntinn, agus air dha sealltainn gu farraideach mu ’n cuairt, fhuair e Ealasaid odhar am prìosan, agus a bristeadh an doruis leig e am mach i, agus fhuair iad le chéile am biadh. Bha ar curaidh gun teagamh fo chomain mhor aig a chaillich, agus cha do rinn e dearmad air mìle taing a thoirt dhi. Cha robh ainm Ealasaid moran na b’ fhearr na ainm a maighstir. Ach tha e tachairt do mhoran air slighe na beatha, gu bheil na cumhachdan a tha ga ’n cuairteachadh ga ’n deanamh no ga ’m milleadh, air chor agus gu bheil iomadh cridhe bha aon uair ’san àite cheart, air an tionndadh o dhaonnachd, agus gach boinne coibhneis a bh’ annta air fhàsgadh asda cho tioram ri clach-chreatha á ball’ àth-aoil. B’ ann diu so Ealasaid odhar. Bha dùil aig daoine gu ’n robh na tobraichean so tioram o chionn fada, direach a chionn nach robh iad a’ cur rud nach robh aca—coibhneas no gaol—na ’n cuinneagan fhein an àm a bhith ga ’shireadh air neach eile. B’ ann a thaobh gu ’n do nochd Eobhain so gach uair a thachradh iad, agus gu ’n robh e modhail, iomchuidh rithe, mar a bhiodh e ris gach aon, a ghabh i meas air, agus a chuir i an dragh oirre fhein rabhadh a thoirt dha a shàbhail a bheatha air an turus so—ni a tha leigeil fhaicinn dhuinn nach caill sinn gu bràth air a bhith modhail, coibhneil ri ar co-chreutairean, biodh iad àrd no iosal, ionnsaichte no aineolach, agus gu ’m bi e buailteach tuiteam m’ ar cinn fhin na fhrasan cùbhraidh, an uair is lugha shaoileas sinn, agus an uair is fheumaiche bhios sinn air agus is mò ar tart. Dh’ innis Eobhain bàn do dh’ Ealasaid far am faigheadh i na fìr, agus nach ruigeadh i leas cabhag sam bith a dheanamh gus an saorsa ’thoirt dhaibh. Dh’ fhalbh e an uair sin air a thurus, far nach ruig sinn a leas a leantuinn, ach thig sinn na ’rathad air dha tilleadh, agus chì sinn gu ’n robh e fada o bhi cuibhteas cuilbheirtean a nàmhaid ghuineach fhathast. Am mach uaithe so bha e gun teagamh na ’fhaireachadh na b’ fhearr; ach air a shon sin cha b’ urrainn e ged a bhiodh toil aige sin a dheanamh, e fhein a dhùnadh a stigh còmhla ri ’mhàthair, oir bha ’bheo-shlainte aige ri chosnadh le stri, agus a lìn aige ri ’n cur air iomadh sruth, gus riatanas na beatha ’chumail ris fhéin agus ris na bha na earbsa. Air feasgar àraidh ghluais e le ’bhàta beag bòidheach a dh’ iasgach am mach gu eilein a bha mu mhìle o thir, ris an cante Eilein nan Sgarbh. Cha deach an t-iasgach leis cho math ’sa bha e ’n dùil, agus o’n a bha mhosgaid earbsach aige ’sa bhàta, smaointich e dol air tìr ’san eilein, o’n a bha e na thaghadh àite seilg, far am biodh eunlaith dhe gach seòrsa aig amannan a cruinneachadh. Ruith e am bàta stigh do bhagh beag ciùin, bòidheach, agus air dha sealltainn mu ’n cuairt ghabh e beagan ioghnaidh air dha bàt’ eile fhaicinn air tìr, gun duine ri fhaicinn na faireadh. Cha do chuir e moran diù ’sa chùis, o’n bhiodh sealgairean ga ’thathaich, agus ghabh e air aghart gu taobh eile ’n eilein, a’ fàgail a bhàta ri taobh an fhir eile. Chaidh an t-sealg leis gu math na b’ fhearr na ’n t-iasgach, ’s an ceann uair no dha thill e thun a bhàta gun duine beò fhaicinn no chluinntinn. Rainig e an sgeir, ach an creideadh e shùilean, cha robh bàta ri fhaicinn. Chual’ e fuaim ràmh, ’s a dol mu ’n cuairt na creige chunnaic e bàta tarruinn am mach o thìr, air a h-iom- [TD 196] [Vol. 11. No. 25. p. 4] radh le aon duine, agus a bhàta beag bòidheach ceangailte le taod garbh na dhéigh agus ga ’fhàgail gu luath. Dh’ aithnich e gu grad gu ’m b’ e ’nàmhaid, Caiptean Adam, a bh’ aige, agus o’n a fhuair e barrachd agus aon chomharra roimhe so dhe rùin dha, thuig e gun mhóran stri inntinn dé bha na rùin a nis. Bha ’n oidhche tighinn, agus mile mara, agus pàirt dheth na shruth làidir eadar e is tìr, agus o’n a bhiodh an t-eilein iosal aig na h-amannan so, gle thric a’ dol fodha aig àm lionaidh, ciod bu nàdarra na gu ’n rachadh an sealgair fodha maille ris an eilein, agus ciod a b’ fhasa na ’m bàta beag aig an t-sealgair a chur do ’n ghrunnd aig àite sàbhailt’ sònruichte a b’ aithne dha. B’ e so gun teagamh rùin agus dòchasan Adam. Ach theid iomadh ribe eagnaidh clì, air maighstirean a b’ ealanta inntinn na ’n caiptean còir, agus is math iomadh uair gun téid. Thug sinn iomradh an àit’ eile gu ’n robh ar curaidh na chuspair cho math ’sa bh’ anns an dùthaich. Agus a nis ged a ghabhas e ùine bheag ga aithris, thachair gach ni ann an iomlaid mionaid no dha, dhe na chuir e roimhe dheanamh, agus na rinn e gus a bhàta fhaighinn air ais. Bha fios aige nach deanadh glaodhaich feum dha; oir, air da nàmhaid fhaicinn, thoisich e air magadh air is air gàireachdaich shubhach, agus e aig a cheart àm a stad a dh’ iomradh, gus tàmailt a chur air ’san dealachadh. “Oidhche mhath leat! agus cadal sona dhut ’san aigeann! agus feuch gu ’n can thu facal math air mo shon-sa ris na maighdeanan-mara; oir tha fios agad fhein gu bheil mi déidheil air cuideachd nam maighdean. Ha! ha! nach mi bhios air mo dhòigh comhla ri Màiri bhig, is ri d’ sheann leannan Una dhonn. Co dhe ’n dithis aig am bheil thu fàgail na dìleab? Ha! ha! nach sinn a bhios air ar dòigh! Is fheudar dhomh dusan neapaigin a cheannach air mo rathad, gus mo dheoir a ghlacadh an uair a gheibh mi sgeul a bhròin am màireach.” Le so a ràdh laidh e air na ràimh, agus thug e chùl ri Eobhain. Aig a mhionaid sin chaidh an sealgair air a ghlùin chlì, agus a’ cur mosgaid earbsach ri ’shùil loisg e—cha b’ ann air a nàmhaid, ged nach biodh ann ach a thoillteanas—ach an uair a thog ceò an fhùdair bha bhàta fhein air tuiteam air deireadh, agus an sgroig a bh’ air a toiseach, ris an robh an taod ceangailte, air a caitheamh dheth, agus na sughaidhean ga tarruinn na bu dlùithe dha gach ceum. Thuit Caiptean Adam an grunnd a bhàta leis an eagal, agus gun teagamh aige nach b’ ann na dhruim a chaidh am peileir, ach a tuigsinn gu ’n robh e sàbhailte, shuidh e suas agus thionndaidh e aire air an t-sealgair. Chunnaic e Eobhain a leum am mach air an t-snàmh a dh’ iarraidh a bhàta, agus a tarruinn beagan na bu dlùithe, leig e leis gus an robh e gu bhith aice, agus an sin chuir an t-òganach a ghunna ri shùil, agus loisg e air an fhear a bha gun chomas air e fhein a gheard ’san uisge, a smaointinn gu ’n robh e cinnteach aige ’nis, agus gu h-àraidh o nach robh aige ach an aon urchair rinn e am barrachd dìchioll air so a thoirt mu ’n cuairt. Ach bha Eobhain bàn a cumail seallaidh air fad na h-ùine le deireadh a shùil, agus ga ’fhaicinn a’ gabhail cuimse, chaidh e fodha ’sa mhionaid, agus mar so bha Adam coirbte air a bheatadh a rithist. Bha e nis air a ghonadh, oir chuir an car mu dheireadh an caothach buileach glan air, agus a faicinn an t-sealgair gu tearainte, sàbhailte na ’bhàta, tharruinn e suas ris, oir gu teòma bha na ràimh uile na ’bhàta fhein, agus dh’ éirich e na ’sheasamh. Le cop m’a bheul, chas e ’fhiaclan ris, ’sa breith air bharaille air a ghunna, thug e mu ’n cuairt a chinn e le uile neart, agus chaith e air an t-sealgair e, an rùin an t-eanachainn a chur as. Leis mar a chuir e h-uile unnsa dhe ’neart anns an oidhirp, an uair a dh’ fhàg an gunn’ a làmhan chaidh e mach an comhair a chinn na ’dhéigh, air do ’n bhàta tarruinn air ais fo ’chasan, agus chaidh e fodha mar chlaich, oir cha robh buille shnàmh aige. Mar so, cleas luchd nam breug, cha robh buille no ionnsuidh a thug e uige so air cliù no air beatha ’n t-sealgair nach robh bualadh air ais air a cheann fhéin le neart tri-fillte. Bha Eobhain gu sàbhailte o’n ionnsuidh mu dheireadh, oir bha ’n gunna gu math na b’ fhaisge dha ann an lamhan a mhaighstir na bha e far an do bhuail e air uchd nan tonn. A deanamh a rithist a mhath an aghaidh an uilc, oir cha robh e air-son fhaicinn, dona gu ’n robh e, a dol a dhìth mu choinneamh a shùilean gun strì a dheanamh gus a shàbhaladh, spìon e an t-àite-suidhe as a bhàta, agus thilg e e mu thuairmse an àit’ an deach an caiptean fodha, ach air dha lamh a thoirt air a bhàta ghluasad, fhuair e am mach nach robh uiread na fearsaid aige leis an deanadh e sin, agus ged a leumadh e am mach air an t-snàmh bhiodh iad buailteach a bhi dhìth le chéile. Thainig Adam an uachdar agus rinn e greim bàis air a bhòrd, agus a faicinn an t-sealgair a feuchainn ris a’ bhàta tharruinn uige, le bhith na ’sheasamh ’sa leigeil a chudthrom o chois gu cois, agus uair ga ’sgoladh le ’lamhan, thuirt e ris: “Cha ruig thu leas. B’ fhearr leam gu mor bàthadh na bhi na d’ chomain-sa air-son mo bheath’ a rithist. Rachainn gu m’ bhàs gu toilichte, na ’n saoilinn gu ’n glacte thusa air son mo mhurt.” “O, ceart gu leor, ma ta,” ars’ Eobhainn, agus e a nis air na ràimh fhaighinn á bàt’ Adam, “fàgaidh mise mar sin oidhche mhath agad,” agus e ma b’ fhior a falbh. Ach chuimhnich Adam air a’ bhàs fhuar an grunnd an aigein, agus cho aognaidh ’sa bhiodh e tighinn aghaidh ri aghaidh ris an doimhne ghlais. Aig a cheart àm shaoil leis gu ’n robh e air a chuairteachadh agus gu ’n robh an cuan beò leis gach iasg is biasd bu choirbte ’san doimhne. Bha iad gu bhi aige. Le sgriach uamhasach leig e as a ghreim, agus a’ guidhe air an t-sealgair a shàbhaladh, chaidh e fodha. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. XVIII. BHA cuimhne gle mhath aig an righ gu ’n dubhairt an t-ard-chomhairleach ris nach robh ann an luchairt Aladin ach obair draoidheachd, agus las e le corraich a bha anabarrach mor. “C’ait am bheil am mealltair aingidh ud,” ars’ esan, “a chum gu ’n toir mi an ceann dheth anns a’ mhionaid?” “Mo thighearna,” fhreagair an t-ard-chomhairleach, “ghabh e a chead dhibh o chionn beagan laithean an uair a bha e ’dol do ’n bheinn sheilg. Bu choir fios a chur air a chum gu ’m faighteadh fios ciod a thachair do ’n luchairt, o ’n a tha fhios aige mar a tha cuisean.” “Tha e tuilleadh is mor am fabhar sin a thoirt dha,” ars’ an righ. “Bi falbh agus ordaich do dheich air fhichead de ’n mharc-shluagh a dhol air a thoir, agus a thoirt an so ceangailte ann an slabhruidhean.” Chaidh an t-ard-chomhairleach anns a’ mhionaid far an robh aon de cheannardan an airm, agus dh’ ordaich e dha falbh gun dail air thoir Aladin le deich air fhichead marcaiche. Agus dh’ iarr e air an aire thabhairt nach teicheadh Aladin. Rinn an t-oifigeach so mar a dh’ aithn an t-ard-chomhairleach dha. Thachair Aladin ris aireamh mhath mhiltean o ’n bhaile, agus e ’tilleadh dhachaidh as a’ bheinn sheilg. Chaidh e direach far an robh e, agus thuirt e ris gu ’n robh an righ a’ gabhail a leithid de dh’ fhadachd nach robh e tilleadh ’s gu ’n do chuir e a’ chuideachd ’na choinneamh gus fhaicinn dhachaidh gu sabhailte. Cha robh fios sam bith aig Aladin air an aobhar air son an do chuir an righ na saighdearan ’na choinneamh, agus lean e air sealgaireachd fad an rathaid dhachaidh. An uair a bha e faisg’ air a’ bhaile, chuartaich na saighdearan e, agus labhair an t-oifigeach ris mar so: “A phrionns’ Aladin, tha mi fo mhor-dhoilghios gu ’n d’ ordaich an righ do chur an sas, agus do thoirt ’na lathair ceangailte mar chiontach. Tha mi ’guidh’ ort gu ’n toir thu mathanas dhuinn, agus nach bi thu diumbach dhinn a chionn gu ’m bheil sinn a’ cur ar dleasdanais ann an gniomh.” Bha fhios aig Aladin nach robh cionta sam bith ri chur as a leith, agus bha ioghnadh gu leor air an uair a chual’ e na briathran a labhair an t-oifigeach. Dh’ fheoraich e dheth an robh fhios aige ciod a chionta ’bha ’n righ a cur as a leth? Agus thuirt an t-oifigeach ris nach robh. An uair a chunnaic Aladin nach robh an aireamh a bha comhladh ris ach beag an coimeas ris na bha de shaighdearan ’g a chuartachadh, thainig e air lar, agus thuirt e ris an oifigeach: “Cuir an gniomh an t-ordugh a fhuair thu. Tha fhios agam nach d’ rinn mi dad cearr an aghaidh an righ no ’n aghaidh na rioghachd.” Chuireadh slabhruidh mhor m’ a amhaich anns a’ mhionaid, agus cheangladh timchioll air i air dhoigh ’s nach b’ urrainn da a lamhan a ghluasad. An sin ghabh an t-oifigeach air aghart agus na saighdearan ’na dheidh. Bha greim aig fear dhiubh air an t-slabhruidh leis an robh Aladin ceangailte, agus thugadh mar so a steach do ’n bhail’ e. An uair a rainig na saighdearan iomall a’ bhaile, agus a chunnaic an sluagh gu ’n robh Aladin ceangailte mar fhear droch-bheirt, cha robh teagamh aca nach robh a cheann gu bhith air a ghearradh dheth. Agus o ’n a bha meas mor aig an t-sluagh air, thug cuid dhiubh lamh air na claidhean agus air airm eile; agus an fheadhainn aig nach robh airm, chruinnich iad clachan, agus lean iad na saighdearan. B’ fheudar do ’n choignear a bh’ air deireadh dhiubh tionndadh gus an sluagh a chumail air falbh. Ach chruinnich aireamh cho mor dhiubh ’s gu ’n do smaoinich na saighdearan gur ann mar bu luaithe gheibheadh iad do ’n luchairt a b’ fhearr dhaibh, air eagal gu ’n tugteadh Aladin as an lamhan. A dh’ olc no dh’ eiginn gu ’n d’ fhuair iad, rainig iad an luchairt gu sabhailte leis. Cha bu luaithe chaidh iad a steach air a’ gheata na dhruideadh gu teann e. Thugadh Aladin air beulaobh an righ. Cha bu luaithe chunnaic an righ e na dh’ ordaich e an ceann a chur dheth gun uiread is an cothrom bu lugha ’thoirt dha air e fhein a shaoradh o aon chionta a bha air a chur as a leith. Thug am fear a bha ’dol ’g a chur gu bas dheth an t-slabhraidh leis an robh e air a cheangal, agus an uair a sgaoil e an craicionn air an robh fuil iomadh duine a chur e gu bas air an lar, thug e air Aladin a ghluinean a lubadh, agus cheangail e aodach m’ a shuilean. An sin thug e an claidheamh as an truaill, agus an uair a sheas e astar cuimseach air falbh, agus a chur e an claidheamh tri uair mu ’n cuairt os cionn a chinn, bha e ’feitheamh gus an tugadh an righ dha ordugh a’ bhuille bhualadh. Anns a’ cheart am thug an t-ard-chomhairleach an aire gu ’n robh an sluagh an deigh an teich- [TD 197] [Vol. 11. No. 25. p. 5] eadh a chur air na saighdearan, agus gu ’n robh iad a’ bruchdadh a steach do ’n chuirt a bha mu ’n cuairt air an luchairt, agus a’ leagadh nam ballachan, agus thuirt e ris an righ: “Tha mi ’guidhe air bhur morachd an aire thabhairt ciod a tha sibh a’ dol a dheanamh, o ’n a tha ’n luchairt ann an cunnart o na tha de shluagh an lathair. Agus co aige tha fhios nach fhaod cron agus call mor tachairt?” “Mo luchairt-sa ann an cunnart,” ars’ an righ: “co aige tha de dhanadas mo luchairt-sa ’chur ann an cunnart?” “Mo thighearna,” fhreagair an t-ard-chomhairleach, “seallaibh air a’ chuirt, agus air ballachan na luchairt, agus tuigidh sibh gu ’m bheil mise ’g innseadh na firinn.” Ghabh an righ eagal mor an uair a chunnaic e an aireamh mhor shluaigh a bha ’brùchdadh a steach do ’n chuirt, agus iad lan corruich. Anns a’ mhionaid thug e ordugh do ’n fhear a bha ’dol a chur Aladin gu bas an claidheamh a chur air ais do ’n truaill, agus Aladin fhuasgladh. Aig a’ cheart am dh’ innseadh do ’n t-sluagh gu ’n d’ thug an righ mathanas do Aladin, agus gu ’m faodadh iad tilleadh air falbh. An sin thill iad air falbh agus iad gle thoilichte gu’n do shabhail iad beatha duine air an robh meas mor aca. An uair a chual’ an sluagh gu leir mar a thachair, thill iad dhachaidh gu siobhalta. An uair a fhuair Aladin e fhein fuasgailte, thionndaidh e an rathad a bha ’n righ, agus thog e ’ghuth, agus thuirt e ann am briathran druighteach: “Tha mi ’guidhe air bhur morachd aon fhabhar eile ’chur ris na nochd sibh dhomh mar tha, agus is e sin, gu ’n innis sibh dhomh ciod e a’ chionta tha sibh a’ cur as mo leith?” “Do chionta!” fhreagair an righ. “A mhealltair thruaillidh! Nach ’eil fhios agad air? Thig an so agus leigidh mise fhaicinn dhut e.” Chaidh Aladin suas far an robh an righ. Thug an righ leis e gun fhacal a radh ris do ’n chlosaid. An uair a rainig iad dorus na closaid, thuirt an righ ris, “Gabh a steach; bu choir dhut fios a bhith agad c’aite an robh an luchairt. Seall mu ’n cuairt, agus innis dhomhsa ciod a dh’ eirich dhi.” Sheall Aladin mu ’n cuairt; ach cha robh an luchairt ri ’faicinn. Agus o nach b’ urrainn e innseadh cia mar a chaidh i as an t-sealladh, ghabh e leithid de dh’ uamhas ’s nach robh e comasach air aon fhacal a radh. Dh’ fhas an righ cho mi-fhoighidneach ’s gu ’n duirt e ris a rithist: “C’ait’ am bheil do luchairt? Agus ciod a dh’ eirich do mo nighinn-sa?” An sin thuirt Aladin: “Mo thighearna, tha mi ’faicinn gu soilleir nach ’eil an luchairt far an do thog mi i, ach gu ’n deachaidh i as an t-sealladh. Agus cha mho na sin is urrainn mi innseadh do bhur morachd c’aite am bheil i. Ach faodaidh mi le firinn a radh nach ann agamsa ’bha ’choire gu ’n d’ thugadh air falbh i.” “Tha mi suarach mu dheidhian do luchairt-sa,” ars an righ; “is i mo nighean fhin a’s luachmhoire leamsa na deich mile luchairt. Agus feumaidh tusa ’faotainn dhomh air neo bheir mi dhiot an ceann gun taing do na tha beo.” “Tha mi ’guidhe air bhur morachd,” ars’ Aladin, “gu ’n toir sibh dhomh da fhichead latha de dh’ uine gus forofhais a dheanamh m’ a deidhinn, agus mur faigh mi fios m’ a deidhinn anns an uine sin, thig mi far am bheil sibh, agus leigidh mi leibh gu toileach mo bheatha ’thoirt air falbh.” “Tha mi ’toirt dhut an da fhichead latha ’tha thu ’g iarraidh,” ars an righ; “ach na smaoinich mi-fheum a dheanamh dhe ’n fhabhar a tha mi ’toirt dhut. Gheibh mi greim ort ge b’ e air bith aite dhe ’n t-saoghal anns am bi thu. Chaidh Aladin am mach a lathair an righ ann an suidheachadh anabarrach iriosal agus truagh. Choisich e troimh chuirt na luchairt agus a cheann crom. Bha ’inntinn cho mor troimh a cheile ’s nach b’ urrainn e a shuilean a thogail bhar an lair. Bha na h-oifigich a bh’ anns a’ chuirt, agus a bha roimhe sid a’ cumail am mach gu ’n robh meas mor ac’ air, cho coma dheth ’s nach robh iad a’ leigeadh orra gu ’n robh iad ’g a fhaicinn. Thionndaidh iad air falbh air eagal gu ’n aithnicheadh e iad. Ged a bhiodh iad air bruidhinn ris a chum comhfhurtachd agus misneach a thoirt dha, is gann gu ’n aithnicheadh iad e. Cha robh e ’g a aithneachadh fhein. Bha e soilleir gu ’n robh e air a dhol car as a rian, oir bha e ’feorach dhe gach neach a thachradh ris, agus aig a h-uile taigh, am fac’ iad an luchairt aige, no, am b’ urrainn daibh fios sam bith a thoirt dha m’ a deidhinn. Thug so air gach neach a chreidsinn gu ’n robh e air a dhol buileach glan as a chiall. Bha cuid a’ gaireachdaich ris, ach bha cuid eile aig an robh truas ris, gu h-araidh na daaine aig an robh eolas math air. Fad thri latha bha e ’dol mu ’n cuairt air feadh a’ bhaile air an doigh so, agus gun fhios aige ciod a theireadh no dheanadh e. Cha d’ ith e greim fad na h-uine so ach na thug daoine aig an robh truas ris air a ghabhail. Mu dheireadh, an uair nach b’ urrainn e fuireach na b’ fhaide anns a’ bhaile, far an robh e roimhe sid cho measail agus cho ainmeil, dh’ fhalbh e, agus thug e aghaidh air an duthaich. An deigh dha a dhol astar math air aghart troimh ’n duthaich rainig e bruaich aimhne feasgar anamoch. Bha e cho lan de dh’ eu-dochas ’s gu ’n dubhairt e ris fhein: “C’aite am faigh mi mo luchairt? Co ’n t-aite dhe ’n t-saoghal anns am faigh mi mo bhana-phrionnsa ghaoil, mar a tha ’n righ ag iarraidh orm? Cha ’n fhaigh mi gu brath i. Is fhearr dhomh crioch a chur air na tha de thrioblaid, de sgios, agus de dhoilghios a’ feitheamh orm.” Bha e ’dol a leum do ’n amhain; ach mar dhuine a bha ’g aideachadh na diadhachd, smaoinich e gu ’m bu choir dha urnuigh a dheanamh an toiseach. Ach mu ’n deanadh e urnuigh, bha aige ri ’aodann agus a lamhan a nigheadh an toiseach. Chaidh e sios le bruaich na h-aimhne gus e fhein a nigheadh; ach bha ’bhruaich cho cas ’s gu ’n do shleamhnaich e sios, agus bha e air tuiteam anns an amhain mur b’ e gu ’n d’ rinn e greim air cloich a bha na stob am mach a bruaich na h-aimhne. Gu fortanach bha am fainne a thug an draoidh dha air a mheoir. Anns an dol sios dha, shuath am fainne so cho teann ris a’ chloich ’s gu’n d’ thainig am fathach a thug as an taigh fo thalamh e far an robh e, agus thuirt e ris: “Ciod is aill leat mise dheanamh dhut? Tha mi deas gus umhlachd a thoirt dhutsa mar do sheirbhiseach, agus seirbhiseach nan uile aig am bheil am fainne sin air am meoir, araon mise agus seirbhisich eile ’n fhainne.” (Ri leantuinn.) Bha àite-suidhe an comhairle a bhaile air fhàgail falamh o chionn mios le fear dhiùsan á Ward 5, Tearlach Richardson, a dh’ fhalbh as an t-siorrachd. Bha taghadh ann air an dara latha dhe’n mhios so; bha dithis a ruith, Calum H. Moireasdan is Domhnull Mac Cuithein. Fhuair am Moireasdanach a stigh le 139 bhòt a bharrachd air an fhear eile. NA TUATHANAICH, MATH IS DONA. Thug mi, an la roimhe, sgriob a mach air feadh na dùthcha; agus bho nach diùlt am peann dad a theid a chur m’ a choinneamh a sgriobhadh, smaointich mi gu ’n tugainn gearr iomradh air mo chuairt anns a MHAC-TALLA. Ged nach eil barail na moch-eirigh aig m’athair orm, bha mi, co dhiu, an aon la ud, air mo chois ro ’n ghrein. A bharrachd air a bhuannachd a th’ anns an éirigh thrath dhaibhsan uile aig am beil toil an latha ’bhuileachadh ri obair fheumail air choireigin, tha e na shòlas mor do chridhe is do inntinn mhic an duine a bhi ’faicinn na gréin mhaidne ag eirigh gu soillseach, glòrmhoir, ag òradh nam beann ’s nan sliabh, ’s a’ tilgeadh a gathain dealrach, bòidheach, uidh ar n-uidh, thar gach coill’ is srath, ’s a cur fonn gu gluasad air gach creutair, ’s a beathachadh gach preas is bileag air an tilg i ’sùil. Tha ceilearadh nan eun anns an òg-mhaduinn na cheòl ro bhinn do ’n chluais; tha iomhaighean obair Nàduir, am bun as an cionn ’san uisge, ro thaitneach leis an t-sùil, agus có a bhiodh cho bheag faireachduinn ris nach còrdadh dreach is cùbhraidheachd nam flùr a tha, a nise, ’togail an cinn air gach taobh! Ach tha mi gus a bhi far mo chùrsa. Is ann mu ’n fhicheadamh latha de ’n t-samhradh a thog mi orm gu ceann deas na sgireachd. Bha maduinn ghrianach, bhòidheach ann. Cha robh an t-side, uige so, cho blàth ’s bu mhath le daoine; ach bha i an bichiontas tioram, agus mar so bha h-uile cothrom aig na tuathanaich air an talamh a réiteachadh ’s a chur an deagh òrdugh air-son curachd. Choisich mi mu dhusan mile, agus ’s i deagh dhùthaich air-son tuathanaich a th’ anns an astar tromh ’n deachaidh mi. Theirinn gu’n robh fear as an fhichead diubh, an uair ud, gus a bhi deas de’n churachd; fear as an deich, mu leitheach ullamh; agus an còrr, gun phloc a thionndadh fhathasd, no, an car a b’ fhearr, an deigh beagan làithean a thoirt a’ tuainealaich air feadh am bailtean, tacan air gach obair, ’s gun aon obair sam bith deas. B’e sin an sgeig air an obair chliùitich tuathanaich a chantuinn ris an t-seòrsa mu dheireadh a dh’ ainmich mi. Agus, turas na dunach! ’s ann aig pàirt diubh so bha na bailtean a b’ fhearr talamh, ’s a b’ fhasa oibreachadh; ’s ann aca bha na fensachan bu mhiosa, cha’n ’eil mi ’n duil gu’n cumadh iad tilleadh air maigheach; ’s ann aca a chunnaic mi na saibhlean bu truaighe, agus gun teagamh, an crodh bu ghràinnde; agus airson mhucan fad-ghnosach, tha mi ’n duil gu ’n robh iad a cur strith ach co aig a bhiodh an àireamh bu mhotha dhiubh. Is ann aig a chiad agus aig roinn mhath de ’n darna seòrs a dh’ ainmich mi a bha na h-achaidhean a b’ uaine, na fensachan a b’ fhearr, na geatachan bu shnasaile, na tighean bu ghile, agus na saibhlean bu dòigheile. Tha iad so, mar is trice, a’ deanamh an treabhaidh toiseach a’ gheamhraidh, daonnan faiceallach mu’n gnothuch fhein, ’s a’ deanamh gach obair na h-àm. Tha iad, mar so, a’ mealtuinn, an tomhas mor, saors’ is sonas air taille an iasguidheachd, an dichill, ’s an gliocais fhein. Ma chi thu droighneach de gheata agus car an aghaidh cuir ann, aig taobh an rathaid mhoir, faodaidh tu thuigsinn bhuaithe sin de an seòrsa tuathanaich tha ’g obrachadh a bhaile. Gu de, an ainm an àigh, am math a bhi cur sìl ’san talamh mur bi na pàircean air an dion le deagh fhensachan. Is aithne dhomh feadhainn tha deanamh curachd coltach a h-uile bliadhna, ach le cion fensa ’s fhearr na eucorach de chu, a bhithear a stùigeadh am beathaichean dusan uair san latha, [TD 198] [Vol. 11. No. 25. p. 6] cha toir iad as an achadh uiread ’s a chuir iad ann! Rud eile nach do chòrd rium mar tha na pàircean ionaltraidh air tighinn fo choill’ òig, ’an caochladh àiteachan. ’S e rud mi-chiatach a th’ ann, far an robh pàircean cruinneachd is coirce bho chionn leth-cheud bliadhna, an diugh fo choille dhluith, agus i sior thighinn na’s faisge air an cuid thaighean. Mar toir luchd nam bailtean so iad fhein fa-near, theid iad an ainbheach trom gun fhios daibh, agus caillidh iad an dachaidhean. Tha mi ’tuigsinn gu’m bi spreidh nam feadhnach so glé fhad air tálamh an fheòir toiseach is deireadh na bliadhna; gu’m bi iad roinn mhor de ’n t-samhradh gu goirteach a’ criomadh mu thaobh an rathaid-mhóir; agus glé thric a’ bristeadh a’ stigh am pàircean nan coimhearsnach, ’s air uairibh a’ deanamh aimhreit am measg dhaoine nach rachadh gu bràth far a cheile airson reusan sam bith eile. Bu chòir do na tuathanaich a bhi ’dol cuideachd na ’s trice na tha iad a’ deanamh, ’s a bhi ’rannsachadh ’s a cnuasachadh mu gach dòigh a’s fhearr air iad fhein ’s an dùthaich a thoirt air adhart. Gabhadh iad, co dhiu, uiread thlachd ann a bhith seanachas mu thuanachas ’s a tha iad a’gabhail ann an innleachdan riaghlaidh (politics); ma ni iad sin, theid mis’ an urras nach bi dith no deireas orra, agus bithidh gach cùis mar a’s miann leis a’ CHUAIRTEAR. Taobh na h-Aibhne 27, 5, 1903. LITIR A LAG AN T-SLOCAIN. A CHARAID GHASDA,—Mar is math tha fios agad is iomadh deagh bhàrd a thainig a nall as an t-seann dùthaich do dh’ America. Chunnaic mi òran no dha anns a’ MHAC-TALLA mu dheireadh a thainig am mach le bàird a bha fuireach ann an Ceap Breatunn. Is ciatach na h-òrain a tha sibh a’ cur na ’r paipear eireachdail gach uair a tha e tighinn am mach. Leis cho measail ’sa tha MAC-TALLA air na seann òrain tha mi cinnteach nach bi dad aige na m’ aghaidh-sa ma bheir mi iomradh goirid air Seumas Mac Iosaig, bàrd a thàinig am mach á Uidhist o chionn iomadh bliadhna air ais. Am measg gach òran a rinn Mac Iosaig cha robh aon aca cho measail aig gach neach a bhiodh ga ’n cluinntinn ri òran a rinn e a moladh na reiseimeide duibhe. Cha ’n ’eil fhios agam c’ar son nach ’eil cuideigin ga ’chur gu MAC-TALLA. An uair a rinn Mac Iosaig an t-òran a dh’ ainmich mi, ’s iomadh fear is té a thoisich ri chàineadh air-son a shaoithreach. Cha robh iad a’ faicinn gu ’n robh feum sam bith anns na h-òrain, gu h-àraidh dha ’n òigridh, a bhiodh ga ’n gabhail aig luadh. Mu dheireadh thall is e thàinig as a chùis, gu ’n deachaidh dithis mhnathan far an robh an Dotair Mac Leòid, am ministeir glic, tuigseach a bh’ ann am Paraiste Mhira, agus thuirt iad ris gu ’m feumadh e stad a chur air a leithid a dh’ obair, agus gu ’m feumadh e a ghuth a thogail na aghaidh. Tha e air innseadh gu’n do chuir an Dotair Mac Leòid fios gu Seumas Mac Iosaig tighinn far an robh e, agus ’s ann mar a leanas a fhreagair e e an uair a chual’ e an t-òran: “Mhol thu na Gàidheil, a Sheumais, agus mhol thu gu math iad, agus thoill iad am moladh. Feumaidh sinn an t-òran a chlò-bhualadh.” Cha dàinig na mnathan far an robh an Dotair leis a’ ghearan cheudna tuilleadh. Is e òran math a bha ann. Co aig a b’ fhearr fios na an Dotair fhein? Rinn Seumas Mac Iosaig dòrlach de dh’ òrain. Tha feadhainn dhiubh air chuimhne fhathast. Cuireadh cuideigin gun dàil gu MAC-TALLA iad agus nithear toileachadh gu leor riutha. Mharbh an clamhan coileach bòidheach a bh’ aig Seumas, agus rinn e òran ga ’chaoidh. So agad ceathramh dheth:— “An coileach beag ruadh ’bu bhuaidhche caismeachd, A dh’ fhalbh ’sa mhaduinn an dé, Bu tu mo chruit-chiùil ga m’ dhùsgadh ’sa mhaduinn Le sùrd gu teannadh ri feum. Cha smaointich sinn tràth air éiridh tuilleadh Bho chaill a ribheid a gleus:— B’ fhearr thu na watch a chosgadh gini; ’S tu ’bhuaileadh a mhionaid le d’ sgéith.” Togaidh aon rud da rud. O’n a thòisich mi ri sgrìobhadh na litir so smaointich mi air sgeul beag no dha a chuala mi mu ’n duine iomraiteach sin an Dotair Bàn, a bha anns an t-seann dùthaich. O chionn iomadh bliadhna air ais, an uair nach robh na dotairean cho pailt ’sa tha iad an diugh, chruinnich sluagh mór aig bail’ àraidh far an robh féill air a cumail, mar a’s minic a bha, agus a tha fhathast, aig amannan sonraichte dhe ’n bhliadhna. Co dhiubh chaidh dithis dhaoine bhar a chéile, agus bha an t-sabaid air a bonn. Cha do lasaich iad gus an do chuir fear dhiubh an t-sùil as an fhear eile. Gu fortanach thachair do ’n Dotair Bhàn a bhi mu ’n cuairt. Bha treud chruidh air an fhéill, agus na ’m measg bha tarbh mor, briagha. Dh’ iarr an dotair air grunn de ghillean tapaidh breith air an tarbh. Chaidh e fhein còmhla riutha, agus an uair a rug iad air, thug an Dotair Bàn an t-sùil as gu h-ealamh, agus chuir e i an àite na sùil a thugadh as an duine, leis am faiceadh e cho math ’sa b’ abhaist dha. Chaidh e uair eile a choimhead air duine aig an robh eucail na ’stamaig. Is e bh’ ann thug e an stamag as, agus chuir e stamag caorach ann. Ann an uine ghoirid bha an duine cho math ’sa bha e riamh. Ach gu dé thachair an ceann beagan tìde ach gu ’n robh uan aige! Am bheil dotair againn an diugh a dheanamh a leithid? Ged a tha na dotairean an diugh cho pailt ris na seangain, is ann a dh’ innis urra gle chinnteach dhomhsa gur ann a’s miosa ’tha iad a’ dol a h-uile bliadhna. Tha iad cearta coma ma gheibh iad do chuid airgiod. Mar a thuirt a bhana-bhàird roimhe:— “Ged dheanadh iad ar marbhadh Le cungaidh nach do dhearbhadh, Ma gheibh iad ar cuid airgid Gu ’m falbh iad le sòlas.” Is mi do bhana-charaid PEIGIDH PHABACH. Lag an t-Slòcain. Bhuail da shoitheach-smùide na cheile faisg air an Fhraing Di-dòmhnaich s’a chaidh. Chaidh té dhiu a bhristeadh cho dona ’s gu’n deach i fodha ’n ceann cairteal na h-uarach. Thatar a’ deanamh mach gu robh mu cheud duine dhe na bha air bòrd a chall. Bha stoirm sgriosail ann an Gansville, an Stàid Georgia air a cheud la dhe’n mhios so. Bha mu dha cheud tigh air a leagail, am measg chàch muileann-chotain anns an robh coig ceud ag obair. Bha còrr is ceud pearsa air am marbhadh. Bha aig an àm cheudna tuiltean mora ann am Missouri, ’s an Kansas, leis an deachaidh suas ri da cheud duine a bhàthadh, agus call mor a dheanamh le taighean is togalaichean a bhi air an sguabadh air falbh. Chaidh Murchadh Mac Citheagain, á Hogamah, a mharbhadh ann am mèinn-chloiche Beinn a Mharmoir, Di-sathuirne, an treas la fichead dhe’n Mhàigh. Bha e air a leònadh le tuiteam cloiche cho dona ’s nach robh e beò ach ùine ghoirid an deigh do’n sgiorradh tachairt. Dh’ fhàg e bantrach is teaghlach lag. Bha e na dhuine dichiollach, onarach, air an robh mor mheas aig gach aon a chuir eòlas air. Tha co-fhaireachdain againn riuthasan a dh’ fhàg e na dheigh ’s a bhios iomadh latha a’ caoidh céile agus àthair gràdhach. Earb a Dia ’s gu h-Ionraic Gluais. Trom fo neul ged bhiodh do chridhe, Cum, mo bhràth’r, do mhisneach suas; Stiùraidh reul-an-iùil thu ’d shlighe— Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais. Ged robh ’n rathad fada, cianail, Is a chrìoch am falach uait, Coisich e gu sunndach, ciallach; Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais. Sios gach eucoir ’s obair fhealltach; Sios na bheir do ’n t-solus fuath! Co dhiubh ’s buidhinn duit no call duit, Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais. Na cuir d’ earbs’ an ceannard pobuill, Aidmheil creud, no comunn sluaigh, Ach an smuain, an gniomh, ’s am facal, Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais. Na cuir earbsa ann ad mhiannaibh, Ri ’n guth binn na aom do chluais, No droch nòs, ged chleachdteadh riamh e— Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais. Riaghailt shoilleir, stiùireadh cinnteach, Suaimhneas-inntinn, neart ’s gach uair; Reul o ’n àird air slighe ’n t-simplidh— Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais. Cuid bheir gaol duit, cuid bheir fuath dhuit, ’S cuid ni tionndadh uait gu fuar; Tog do shùil gu buileach uapa— Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais. “’Us no Is, Co Aca a’s Fhearr?” Anns an àireamh mu dheireadh de MHAC-TALLA bha litir a sgriobh Iain air chor-eiginn anns am bheil e ’deanamh oidhirp air a cheist ’fhuasgladh co dhiu ’s ’us no is a’s fhearr airson agus a ghiorrachadh. Tha e soilleir gu leoir nach ’eil moran maith ann an inbhe ard no iosal, mur bheil eolas pongail, ceart aig neach air a’ Ghramair Ghaelig. Faodaidh Iain còir a thoil fein a leantuinn gu crioch a chuairt an trath a bhitheas e ’sgriobhadh ’us no is. Anns an fhocal agus tha e co soilleir ri solus an latha nach ’eil an litir i idir a làthair. Am feadh, mata, ’tha agus air a ghiorrachadh a reir laghannan no abhaistean na Gaelig, gu ’us ’us ’s, carson ’tha ’n litir i ’tighinn a stigh, do bhrigh nach buin i do ’n fhocal agus idir? Tha, bha, ’s bithidh ’us ’us ’s ceart am feadh a tha agus air a ghiorrachadh, agus cha ’n ’eil gnothuch air bith aig an litir i ’bhi ’g a nochdadh fein. Is e Gniomhar no verb tha daonnan ann an is, ’us is ann air an doigh so a tha feum ri bhi air a dheanamh gach àm le sgoilearan Gaelig de ’n fhocal is. CONA. Thatar a’ glacadh barrachd ghiomach air cladaichean Cheap Breatunn air an t-samhradh so ’s a bhatar a glacadh o chionn àireamh bhliadhnachan. Ma mhaireas an t-sìde ciùin ni na h-iasgairean na ’s fhearr na rinn iad o chionn fada. Bha a’ Chùirt Mhor na ’suidhe ’sa bhaile air an t-seachduin s’a chaidh agus air an t seachduin so. Bha tri fichead is deich càs ri fheuchainn, an àireamh bu mhò a bha riamh fa chomhair na cùirte aig aon àm ’san t-siorrachd so. Bha àireamh nach bu bheag dhiu sin air an réiteach gun a dhol gu cùirt idir. Tha baile Shidni a’ fás mor ann an cosdus mar ann am meud. An uiridh b’e $51,600 an t-suim a chosdadh a’ cumail air adhart nan oibrichean; am bliadhna, gabhaidh e corr is $81,100. A reir an àireamh sluaigh a th’ ann tha am baile toirt a mach moran fearainn, agus mar sin tha na sràidean, an obair-uisge ’s nithean eile anabarrach cosdail, moran na’s cosdaile na tha iad ann am bailtean eile ’sam bheil a cheart uiread sluaigh. Bidh na cìsean am bliadhna beagan na’s àirde na bha iad an uiridh. [TD 199] [Vol. 11. No. 25. p. 7] Cumha do Shir Eachunn Domhnullach. LE NIALL MAC GILLEAIN, BARD CEILIDH NAN GAIDHEAL. Tha mi fo mhulad ’san àm, Mu Mhac Dhomhnuill nan lann, Dh’ fhag sud mi gun sannt sùgraidh, Bàs Sir Eachainn ’san Fhraing, An curaidh gun mheang, ’Bhi air uilinn gun chainnt ’s nach dùisg e; Sud an sgeul a bha cruaidh ’Thainig oirnn thar a’ chuain, Mar ghaillinn gaoth tuath ’rùisg sinn, Gu robh ceannard nam feachd ’S e na shìneadh gun phlosg; ’S iomadh cridhe bha goirt, brùite. Chaill Albainn an triath ’Bha gun eagal, gun fhiamh Roimh pheileirean dian siubhleach, ’S iomadh cath agus blàr ’San d’ thug e buaidh air an nàmh, ’S thog sin e gu àirde chliùteach; Cha do rugadh am bàrd A chuireadh an dàn A ghaisge is ’àrd-euchdan, Anns an t-Soudan le ’neart Thug e an t-Arab fo smachd, ’S fhuair e saors’ agus ceart do ’n Eiphit. Gaidheal smachdail nam buadh, Gaidheal sgairteil gun uaill, ’Choisinn urram ’bhios buan da dhùthaich, ’S ann a bhuineadh an treun Do Chloinn Domhnuill nam beum, ’S o Ghleann-a-garaidh bha gheug ùrail; B’ e do shuaicheantas dearbht’, Long is leoghan ’s làmh-dhearg, ’S mairg a thigeadh le feirg dluth ort, Bhiodh bradan tarr-gheal is craobh, ’S badan curaidh de ’n fhraoch Ann am bratach an laoich chuirteil. ’S e thu bhi sìnte fo ’n phloc Dh’ fhag gun éibhneas mi ’nochd, ’S iomadh aon tha fo sprochd na d’ dhuthaich; ’S e thusa ’bhi balbh Ann an cunntas nam marbh ’Dh’ fhag iomadh fear calma tursach; Tha na mìltean de ’n t-sluagh ’Dol a choimhead air d’ uaigh, ’S a sgapadh m’a bruaich fluran. ’S ged a thogamaid càrn Aig do cheann a bhiodh ard, Cha leigheas sud ach gu brath ar diubhail. B’ e so an t-earrach gun bhuaidh A leig ugainn am fuachd ’S a dh’ fhag sinn gu truagh ciùrrte, Thuit an darag a b’ aird Agus sgapadh a blath, ’S co ’sheasas ait an diulnaich. Fhad ’sa dh’ éireas a’ ghrian, ’S gus an tiormaich ’n cuan siar, ’S gus an dean gach reult anns an iarmailt tùirlinn, Fhad ’s bhios duilleag air crann, No sruth ann an allt, Bidh caoidh ort aig clann do dhuthcha. FHIR-DEASACHAIDH UASAIL,—Nam biodh e freagarrach dhuibh an cumha brònach so a chur anns a MHAC-TALLA, ma bhios cothrom agaibh air anns a cheud àireamh, chuireadh sibh comain air moran dhe na Gaidheil ’sa h-uile cearn anns a bheil ’ur deagh phaipear a’ dol, agus cha ’n e sin am beag, agus comain gu sonraichte air ’ur deagh sheana charaid a tha ga ’chur do ’r n-ionnsuidh. Ged a bha mi o chionn uine mhor gun sibh a chluinntinn uam, cha b’ e an diochuimhn a bha tighinn orm idir, ach is iomadh ni a bhios a’ tighinn anns a rathad anns a chrannchar. “Tha ’smudan fein a ceann gach fòid.” Is mi mar bu nòs ’ur caraid dìleas, an là a chi ’s nach fhaic. SEUMAS A. MAC GILLEMHAOIL. Eileinean Coille, E.P.I. Tha e ’cur iaruinn na theallach fhéin. ORAN A’ MHATHAIN. LE AILEIN DOMHNULLACH, S. W. MARGAREE. FONN. O, gur fann tha mo cheum, Leis cho gann ’s tha ’n spréidh; Ma ni mi gluasad na ’n còir, Bidh an tòir as mo dhéigh. Fhuair mi sanas ’san uair, Gu ’n robh ’n Dughlach mu ’n cuairt, Leis a ghunna ghuineach, ùr, ’Togail smùid feadh nam bruach. ’S ged a thà mi gle aosd’, ’S mi air bànadh mu ’n ghnùis, Na ’m faighinn caora fo ’m spòig, Dh’ fhagainn brònach an rùt’. Gu bheil an Dughlach lan foill, Bidh e daonnan ’sa choill; Thuit mo bhrathair fo laimh,— ’S ùr a bhas ann am chuimhn’. Saoil ma theid mi an drasd’ Feadh nan clìraidhean ard’, Am faigh mi caora no uan?— O! gur truagh tha mo chàs. Tha mi fo churam ’san am, ’S mi air chulaobh nam beann, Gu ’n tig namhaid mu ’n cuairt ’Chuireas luaidhe na m’ cheann. Is ma theid mi gu srath Ni na béisdean mo bhrath, Bidh gach sealgair na ’m dhéigh, ’S bheir iad eirig a mach. Far am b’ abhaist domh triall Feadh nam paircean so shios, ’S fheudar fuireach as an drasd’ Neo tha ’m bas ann am bhial. Cha ’n ’e innleachdan bais Air an cuimhnicheadh namh, Nach do chleachdadh ’san tìr Gus mi fhìn chuir an sàs. Chuireadh easgannan ròst’, Agus caoban de dh’ fheòil Ann an ribeachan ard’, Gus mo thaladh na ’n còir. Ann an toiseach mo chuimhn’, Mu ’n do dh’ fhag sinn na tuill, Bhiodh mo mhathair ag inns’ Mu na nithean ud dhuinn. Ged tha ’n riaghladh le bòsd, A’ cur duais air mo spòig, Gheibh sinn cinntinn gun taing Feadh gach glinn agus fròig. BAS. Gu h-obann, aig a Ghut-a’-Tuath, St. Ann’s, Cairistìne Nic Leoid, bean ghràdhach Aonghais Mhic Amhlaidh, aig aois tri fichead bliadhna ’sa tri deug. Bu nighean i do Thormad Mac Leoid nach maireann aig Allt-nam-Peters. Bha i fo dheagh chliù aig coimhearsnaich ’s aig luchd-eolais fad is farsainn. Bha ’dachaidh a ghnàth fosgailte do ’n choigreach agus a làmh do ’n fheumach. Ghluais i gu h-ionraic uile làithean a beatha, agus chriochnach i a turus ga ’h-earbsa féin ri trocair Dhé ann an Iosa Crìosd. Dh’ fhàg i gu bronach na ’déigh companach aosda, dithis mhac agus cóignear nighean. Tha ’chridhe mireadh ris. Tha fear eile ’s a’ chogar sin. Tha feum aig a shròin air fuarachadh. Tha fhios aig a chlamhan car son a ni e fead. Tha fios aig a h-uile fear c’àit am bheil a bhròg fhèin ’ga chiùrradh. Tha gu leòr do dhuine dona a dhìchioll. Tha h-uile fear na cheard aig a cheaird fhéin. Tha iasg cho math anns an fhairge ’s a thàinig riamh aisde. Tha ’n gunna cosmhail ris an urchair. Tha modh an rathaid mhòir aig gach duine. Tha ’n ciall a muigh ’n uair tha ’n deoch a staigh. Tha slat ’s a’ choill’ cho dìreach ’s a thàinig aiste. Tha uair aig an achmhasan is àm aig à’ chéilidh. Théid feòil ri fine. Is beag orm fear-fuadain ’s e luath a’ labhairt. Ami Mhoraidh. Tha a bhan-òranaiche so a choisinn Duais air-son seinn aig a’ Mhòd Ghàidhealach ri cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach am miosan Màigh is Iun. Tha i toileach còrdadh a dheanamh air-son concerts a chumail an caochladh àiteachan, agus gheibhear gach fiosrachadh a thaobh nan amannan ’s nan cumhachan le sgriobhadh uice mar a leanas:— MISS AMY MURRAY, 20 West 28th Street, New York, N. Y. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M. Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite. Aite-comhnuidh—Air Union St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson. Telephone 364. SIDNI, C.B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. . EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 200] [Vol. 11. No. 25. p. 8] Bas an t-Seanalair Dhomhnullaich LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. Fhuair sinn sgeula deurach, trom, ’Mhùch gach cre ’s cha ’n éirich fonn: Ghlac an t-eug barr-dheis nan sonn, A dhùisgeadh fonn is caithream dhuinn. Na ’m biodh do bhàs an àr nan rang, ’N àit bhi ’n seòmar àrd ’san Fhraing, B’ e sud àit an t-sàir neo-fhann A ghleidh gach àm ’san arabhaig. Curaidh treun nan ceudan buaidh, Eachunn Domhnullach o ’n tuath! ’S tric a leugh sinn le mor uaill Mar fhuair e suas gu h-ealanta. Bha na Gaidheil ort an déigh, ’S nach robh coimpeir dhut fo ’n ghréin; Chaill an crùn na d’ bhàs-sa leug A bha gu ceutach, lainnireach. ’Mach o ’n bhothan bheag ’san fhraoch, ’Suas measg thighearnan is dhiùc! Dhùisg sud farmad agus gnù Am measg nan daoi nach d’ aithnich thu. Thog iad tuaileas ort is sgleò, Is tu na d’ airc le slàinte bhreòit’, Bhrist sud spiorad treun an t-seòid,— ’S cha mhùchadh pòr nan canan e. Cha las a shùil a chaoidh là bhràth, ’Nuair a shéideas tromb nam blàr; ’S cha ’n ’eil aon a lionas àit’ Ri uchd na nàmh is aithne dhuinn. Thig an là, a ghaisgich threin, A dh’ fhuadaichear na neoil o d’ ghrein; ’S ann mar bha le cinnt do réis A ni na ceudan aithris ort. AN TUIL. LEIS AN URR. DONNACHADH MAC-GILLEAIN. Tha ghrian anns na h-àrdaibh ag éirigh gun ghruaim, ’S an saoghal bu shàmhach a’ dùsgadh a ’shuain; Tha ceòlraidh na coille a’ gleus’ an cruit-chiùil, ’Cur fàilt’ air a’ mhadainn le aighear ’s le sunnd. Tha maise a’ chéitein air réidhlean nam beann, Air coille nam badan, ’s air lagan nan gleann; Sgaoil samhradh na maise a bhrat air gach taobh, ’S air aghaidh a’ chruinne tha gean agus aoidh. Tha choille a’ lùbadh fo dhrùchd a’ mhios Mhàigh, Barr-guc air gach fiùran, ’s gur cùbhraidh am fàil’; ’S am barra nan ògan tha còisridh nam fonn, Le ’n ribheidean ceòlmhor ’s le ’n òrain nach trom. Tha canach air mointich, tha neoinean air blàr, Tha fiùrain is ògain gu nòsar a’ fàs; Tha fochann air comhnard ’tha lòdail gun dìth, Le ’phailteas ’cur solais is dochais ’s a’ chrìdh’. Tha ’n ceannaich’ r’ a cheannachd, tha ’n treabhaich’ ri stà, Tha ùpraid is iomairt gun tilleadh ’s gach àit’; Tha ’m buachaill’ gu h-aotrom ri aodann nan càrn, Ag iomain nan caorach, ’chruidh-laoigh, is an àil. A mach feadh nam bruachag is cluaintean an fheoir, A’ mireadh ’s a’ ruagadh, gun ghruaman na ’n coir, Tha ’n comunn is beadraich’, clann bheaga mo ghaoil, Gun chùram ’s gun eagal, ri cleasachd neo-chlaoin. Tha clanna an aighir an talla a’ cheoil, Gun chùram, gun eagal, ri beadradh mu ’n bhord; Tha ’chuirm air a sgaoileadh, is aoibh air gach gnuis, ’S chaidh curam an t-saoghail a thaobh is air chul. Tha ’phìob is an fhidheal gu fileant’ ri ceol, Tha ’n t-organ ’s a’ chlàrsach gu làbhar na ’n coir, Tha ’n t-oran ’s an dàn ann tha abhachd is mùirn, Tha ’n cupa fo stràc ann, feala-dhà agus sunnd. Tha ’n t-oganach rìomhach, ’s an rìbhinn deas, ùr, Le ’n càirdean ’s le ’n dìlsean gu dìleas r’ an cùl, A’ nasgadh am posaidh le deoin an luchd-gaoil; Tha aighear is sògh ann, tha sòlas is aoidh. Ach dhorchaich an latha, tha ’n t-athar fo ghruaim, Tha cuantan a’ beucaich, ’s gur déist’neach am fuaim; Tha ’n talamh a’ clisgeadh, ’s a’ briosgadh gu ’bhonn, Bhrùchd an cuan thar a’ chladaich le sadraich a thonn. Chaidh sgaoileadh gu h-obunn ’s a’ chomunn bha baoth; O’s ìosal an cridhe ’bha mireag ri ’n taobh! Ri mionaid na h-uaire ghlac uamhunn is fiamh An saoghal, mo thruaigh! a dh’ fhas suarach mu Dhia. Tha ’n t-uisge a braonadh ’s a taomadh gun tamh, Tha ’n dìle a’ sgaoileadh, le gaoir air gach laimh, Tha caoidh’rean ’tha craiteach ’s gach ait a dol suas, Tha ’n saoghal ga ’bhathadh, tha ’m Bàs a toirt buaidh’. Tha ’n dìle a’ sgaoileadh, a’ sgaoileadh gu bras, Thar broilleach gach aonaich is faoin-bheanna cas; Thar fireach gach monaidh is slinnean nam beann, Tha ’m bùrlam a’ dòrtadh, a’ dòrtadh na dheann. Tha h-eoin bheaga bhòidheach, bu cheòlmhor ’sa choill, Gun iomradh air oran, fo dhòltrum is oillt; Tha ’n spionnadh ga ’m fagail, cha dàn daibh bhith buan, Tha ’n nid bheag ’s an àlach a’ snamh air a’ chuan. Tha ’n leoghann ’bu laomsgaire ’s faol-chu nan càrn, Tha sionnach an t-saobhaidh, is maoisleach a chàth’r, Tha damh a’ chinn chabraich is earbag nan tom, An comunn a chéile ’dol eug feadh nan tonn. Tha ’n treun a bha gaisgeil, tha ’n lag a bha caoin, Tha ’n t-òg a bha sgairteil, an glacaibh an aoig; Tha ’mhathair ’s am macan a’ greasad gu teann, A’ streapadh ’s a’ dìreadh gu cìrein nam beann. B’i iomairt a’ chruadail gun bhuaidh leatha bh’ ann; Tha ’n uisge a’ bualadh ri cruachan nam beann; Tha ’n tuil air iom-sgaoileadh air raon agus blàr, Thar airde gach monaidh tha ’tonnan ’toirt bàrr. Tha ’n cath air dol seachad, an cath ud bu chruaidh, Is shìolaidh an éubhach bu déist’neach car uair; An tuil bhuail a basan le aiteas is fonn, Ag éubhach buaidh-chaithrim, ’s an talamh fo ’bonn. Faic toradh a’ pheacaidh, ’s a bhreitheanais chruaidh; Faic caoibhneas is càirdeas an Ard-Rìgh d’ a shluagh; An ciontach tha bàite ’rinn tàir air a’ chòir Am fìrean tha sàbhailt ’thug gràdh dhi le deòin. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear air a phris so gu luchd-gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1.26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. [TD 201] [Vol. 11. No. 26. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 26, 1903. No. 26. COLLA CIOTACH MAC GHILLEASBUIG.* LEIS AN OLLA MAC FHIONGHAIN AN DUNEIDEANN. CHA mhòr ainmean a bu shiùbhlaiche am beul an t-sluaigh anns na h-Eileana Deasach o chionn dlùth air tri cheud bliadhna na ainm an diùlnaich so, ged nach b’ann do na h-Eileanan no eadhon do dh’Albainn a bhuineadh e gu dligheach. Agus anns na h-òrain-luadhaidh a chluinnear cho caithreamach ann an cuid de na h-Eileana Tuathach fhathast gheibhear gu tric “Com na céille, Mac ’Ic Ailein,” “Leathanaich ruadh nan rò-sgeul,” “Apuinn Mhic Iain Stiubhart,” “Ailean na Sop,” is “Colla Ciotach mac Ghilleasbuig” taobh ri taobh. Chunnacas Colla r’a linn an iomadh àite; agus b’esan aon de’n fheadhainn a chluinnteadh far nach fhaicteadh iad. Is éigin nach robh ’ainm neo-chumanta an Lunnainn, air neo cha sgriobhadh Milton mar a rinn e. Chuir am Bard so a mach leabhar d’an d’thug e mar ainm Tetrachordon. Fhuaras coire do’n tiodal. Bha am facal cruaidh do’n teangaidh is searbh do’n chluais. Fhreagair Milton: ...Why is it harder, Sirs, than Gordon, Colkitto, or Macdonnel, or Galasp? Those rugged names to our like mouths grow sleek That would have made Quintilian stare and gasp. Tha an so againn ainm Cholla, ainm athar, a shloinneadh is fhar-ainm ann an aon sreath. Cha b’urrainn gu’n robh na h-ainmean annasach ann an Lunnainn ’nuair a sgrìobh am Bard. Their cuid gu’n d’fhuair Colla am far-ainm ‘ciotach’ a chionn gu’n robh e cho deas leis an laimh chlì, a’ chiotag no a’ chearrag, ’s a bha e leis an laimh dheis, gu’n robh e ciotach coingeis, mar theirear; ach is dòcha gu’n robh am facal air a ghnàthachadh mar tha e a nis, agus gu’n d’fhuair Colla an t-ainm mar gheibh aon dhinn fhein leis an deise a’ chiotag na an deasag. Cha do lean am far-ainm r’a chloinn, co-dhiù ’s a’ Ghaidhlig agus anns na crìochan far am b’eòlaiche Colla. Cha chluinnear an Colasa ach Alastair Mac Colla, Aonghus Mac Colla. Anns a’ Bheurla chithear ainm Alastair Mhic Cholla Chiotaich fo iomadh cruth: Colkitto, Colonel Kitto, Young Colkitto, MacColl MacKittish; ach ’s e Burton a chuir an dreach as neònaiche gu léir air—Macdonald of Colkitto, mar gu’m bu leòb fearainn Colla. Thug Domhnall nan Eileanan, Domhnall Ghaireach, mar their sinn gu bitheanta, stròic mhòr de dh’Ile ’s de Chinntìre d’a bhràthair, Iain Mòr, an Tainistear. Phòs Iain Mòr ban-oighre nan Gleann an Eirinn, agus o’n àm sin theirteadh ri oighre Iain Mhòir, an Eachdraidh na h-Alba, Mac Dhomhnaill Dhun-naomhaig ’s nan Gleann. ’Nuair a thilgeadh Tighearna nan Eileanan, thainig riaghladh an t-seann teaghlaich ainmeil gu crìch, agus thuit oighreachdan farsuing nan Domhnallach fo’n chrùn. Fhuair na Cinn-chinnidh ’s na h-uachdarain, air a’ chuid a bu mhotha, am fearainn air an ais le còir o’n righ an aite na còrach a bha aca roimhe sin o’n Domhnallach. Ach cha d’fhuair oighre Iain mhòir còir sgrìobhta o’n Chrùn gu ceann iomadh latha. Lean an teaghlach ris na fearainn, co-dhiù ris a’ mhor-chuid diubh, ach cha robh iad ach ’nan tuathanaich fo’n chrùn. Coltach ri cinn-chinnidh eile na Gaidhealtachd bha sliochd Iain mhoir ’n an daoine foghainteach; ach cha’n urrainnear a ràdh gu’n robh iad daonnan ro ghlic. Is ainneamh a chithear sealladh as muladaiche an Eachddraidh na chithear ’s na h-Eileana Gaidhealach an déigh riaghladh nan Domhnallach. Leathanaich is Domhnallaich mu dheas; Domhnallach is Mac Leoid, Mac Leoid is Mac Coinnich mu thuath, an sgòrnain a chéile. Bha gun teagamh Caimbeulach air cnoc an so, Gordanach air cnoc an sid, ’g an stuigeadh ’na chéile gu dian. Ach saoilidh mi gur suarach an dearbhadh air toinnisg Ceann-cinnidh e bhi ro dheas gu freagairt fead ciobair, seòlta g’ am bi e. Fhuair Clann ’Illeathain còir an Ile, ’s cha bu luaithe fhuair na bha iad fhéin ’s na Domhnallaich am mullach am meall. Bha a’ chrìoch eadar an dà oighreachd aig Port-ascaig an Caol Ile, ach cò bu leis Port-ascaig? Is gann nach do chuir an da fhine as d’a chéile air Traigh-ghruineart ’s a’ bhliadhna 1598, a’ socrachadh na cùise so, Sir Seumas Domhnallach air ceann an dara feachd, Lachann Mòr Dhubhaird, bràthair a mhàthar, air ceann an fheachd eile. Thuit Lachann Mòr, is leònadh Sir Seumas. Rinneadh casgradh mòr air an da thaobh, gu sonraichte air Cloinn ’Illeathain. Bu duine taitneach Sir Seumas air doigh no dha. Bha modh is ionnsachadh aige nach robh ro chumanta r’a linn. Ach bha camadh ’na chrannchur. Cha robh ach droch cordadh eadar e fein is athair, duine dùr a bha duilich a bhi réidh ris. Bha tuasaid an Cinntìre, ’s chasaideadh air Seumas gu’n do chuir e teine ri tigh-mòr Ascamuil ged bha fhios aige gu’n robh athair ’s a’ mhàthair a stigh. Rinneadh greim air ’s bha e nis fo ghlais an Duneideann. Bha Ile ’s Cinntìre gu mòr troimh chéile. Bha na Domhnallaich air an uideal, ’s bha sùil chlaon aig Mac Cailein air fearann nan Domhnallach. Fhuair e cheana leòb nach bu bheag dheth; ach cha’n fhòghnadh sin. Bha ainm is cliù nan Domhnallach mòr air Tir-mòr ’s anns na h-Eileanan, ’nuair nach robh na Caimbeulaich ach ’n an uachdarain ri taobh Loch-odha. Fhuair Mac Cailein a nis còir air Cinntìre air son a dhragha ’s a dhùrachd a’ cur as do Chloinn Ghriogair. Ach b’e ‘Ile ghlas an fheoir’ seann dachaidh nan Domhnallach. Bha an t-eilean farsuing, torach; ach cha b’e sin gu léir a luach an sùilean Mhic Cailein. Biodh na Domhnallaich as, agus biodh Caimbeulach ann; ’s an sin bhiodh fiughair ann an ùine ghoirid gu’m biodh cliù is iomradh an t-seann teaghlaich ghreadhnaich air dì-chuimhne, ’s nach biodh ainm urramach an Earraghàidheal ach an Righ ’s Mac Cailein. Bha cairdean Mhic Dhomhnaill an Eirinn ag iarraidh Ile cho maith ris na Caimbeulaich. Ràinig aon diubh so Righ Seumas an Duneideann, ’s chuir e tairgse stigh air son an eilean. Rinneadh moran de’n Eirionnach ’s a’ chùirt; rinn an righ ridire de Sheumas mac Shomhairle, ach cha d’thug e dha Ile. Beagan bhliadhnachan ’na dhéigh so, thug Raghnall Mac Shomhairle, bràthair Sheumais, tairgse air oighreachd mac bhràthar athar, agus fhuair esan aonta air Ile. Ach cha do thaitinn riaghladh an Eirionnaich ris na h-Ilich. Chuir iad gearan do Dhuneideann gu’n robh an t-uachdaran ùr ’g an sàrachadh le màl ’s le mòd, le càin is cìs, ’s le riaghailtean na h-Eireann, ’nuair a b’e an còir-san a bhi fo laghanna na h-Alba. Fhuair an gearan éisdeachd. Is ann an cois Raghnaill Mhic Shomhairle a tha eachdraidh earbsach Cholla Chiotaich anns na h-eileanan a’ tòiseachadh. Bha Colla an dlùth dhaimh do Raghnall Mac Shomhairle ’s do Shir Seumas Domhnallach. Bu thriùir bhràithrean Seumas Dhun-naomhaig ’s nan Gleann, Colla nan Capull, agus Somhairle Buidhe. B’e Sir Seumas Domhnallach ogha ’s oighre Sheumais Dhun-naomhaig; b’e Colla Ciotach ogha Cholla nan Capull; agus b’e Raghnall mac Shomhairle Bhuidhe. Tha an t-Urramach Deorsa Hill ’n a leabhar luachmhor air Clann Domhnaill Antruim ag innseadh dhuinn gu’n robh dà mhac aig Colla nan Capull, Gilleasbuig agus Raghnall; gu’n do chaochail Gilleasbuig goirid an déigh dha pòsadh agus nach d’fhag e duine cloinne ach Colla Ciotach; gu’n d’thainig Raghnall Mac Colla do Cholasa mar uachdaran, gu’n do thogadh Colla Ciotach mac a bhràthar leis anns an eilean; agus gur ann mar sin a fhuair Colla Ciotach còir air Colasa. Faodaidh roinn de’n fhìrinn a bhi ’s an t-seanachas so. Ach cha’n ’eil an roinn mòr. Bha Colasa aig Domhnallach nan Eileanan o’n chrùn fo’n aon chòir ’s a bha na h-Eileanan eile aige. Ach b’e teaghlach de Chloinn Dhuibh-Shìth, no Clann-a-Phì mar their sinn a nis, a dh’ oighrich an t-eilean fo na Domhnallaich. B’e Mac-a-Phì Cholasa Cléireach Comhairle, no Parlamaid, Ile. Cha’n ’eil dearbhadh gu’n robh sgriobhadh aig Mac-a-Phì air Colasa o na Domhnallaich. ’Nuair a thuit Domhnallach nan Eileanan thainig Colasa, mar a thainig Ile, air ais fo’n Chrùn, ’s thainig Mac-a-Phì Cholasa mar a thainig Domhnallach Dhun-naomhaig gu bhi ’na thuathanach fo’n Righ. Thug Ban-righinn Mairi gun teagamh fearann teaghlach Dhun-naomhaig an Cinntire ’s an Ile agus bailtean an Colasa do Sheumas Dhun-naomhaig, agus dh’fhaodadh esan, no oighre, am fearann sin a thoirt o Mhac-a-Phì nan togradh e, ’s a thoirt do aon sam bith a thoilicheadh e. Ach cha’n ’eil dearbhadh gu’n d’thug, ach an t-atharrach. Fhuair an Domhnallach am fearann ’s a’ bhliadhna 1545. Ach tha sgriobhadh air gu’n * Leughadh am paipeir so do Chomunn na Gàidhlig an Lunnainn air an aona-la-fichead de’n Chétein, 1903. [TD 202] [Vol. 11. No. 26. p. 2] robh Mac-a-Phì an seilbh ’s na bliadhnachan 1549, 1609, 1615. Ma bha Raghnall Mac Colla a’ riaghladh an Colasa, ’s ann leis an laimh laidir, ’s cha’n ann le còir, cho fhad ’s as léir dhuinn, a bha e a’ riaghladh. Bha Colla pòsda, a réir coslais, da uair. Tha Mr Hill ag ràdh, air ùghdarras leabhar-làimh, gu’m b’e ainm a mhnatha Nic-a-Chathanaich no Nic-Neill. Tha naigheachd eile aig Mac-Mhuirich, seanachaidh Mhic-ic-Ailein. So a chainnt-san, air a h-atharrachadh gu Gàidhlig an là diugh: “Bu duine maith Raghnall Mac Ailein a réir na h-aimsire d’an robh e, duine fial, farsuing, cruadalach, carthanach. B’i a cheud bhean nighean Raghnaill Mhic Sheumais, Tainisde an Oirear a deas. Rug i mac maith dha, Aonghus Mor mac Raghnaill. Chuir e uaithe i, agus phòs i ’na dhéigh sin Colla Mac Ghilleasbuig. Agus is i bu mhàthair do chloinn Cholla,—Gilleasbuig agus Raghnall [Aonghus] agus Alastair, agus clann mhaith nighean a bha pòsda ri daoine uaisle maithe.” Ma b’e an Raghnall Mac Sheumais so, Raghnall Mac Sheumais Dhun-naomhaig ’s nan Gleann, b’iad Colla ’s a bhean oghachan an da bhràthar. Cha’n ’eil cunntas gu’n robh mac aig Colla d’am b’ainm Raghnall, ach bha gun teagamh mac aige air an robh Aonghus. Cha’n ’eil fios cinnteach againn cuin a phòs Colla, no mu aois a’ chuid cloinne. Rugadh Colla e féin mu’n bhliadhna 1570, agus bha Gilleasbuig, am mac bu shine, aig aois duine ’s a’ bhliadhna 1623. Rugadh Alastair an Colasa, ann an Sabhall bàn Chill-Oran. Their na Colasaich gu’n do leum na claidheamhnan as an truaill ’s gu’n do loisg na gunnachan leo fhéin an oidhche rugadh Alastair. Bha fiosachd aig a bhan-altruim, tha Mr Kirke a’ deanamh iomradh oirre ’na leabhar mu na Sìthichean, agus dh’innis ise gu’m fàsadh an leanamh gu bhi ’n a ghaisgeach treun iomraiteach, agus gu’m biodh a’ bhuaidh leis gus an latha a shàthadh e a bhratach ann an Gocam-gò. (Ri leantuinn.) Crioch Bliadhn’ Eile. Tha MAC-TALLA leis an àireamh so a’ cur crioch air an aona bliadhn’ deug. Tha sinn an so a’ toirt taing dhaibhsan a nochd iad fein a bhi na’n càirdean dha, a chuidich leis “le’n cinn, le’m pinn, ’s le’n sporain.” Tha àireamh mhath de luchd-gabhail aig a’ phaipeir a fhuair a cheud àireamh dheth, agus a tha ’cur romhpa nach sguir iad dhe ’ghabhail gus an teirig aon chuid iadsan no esan—agus tha sinn an dòchas gu bheil an latha sin fad as. Ged nach fhaodar àicheadh gu bheil moran de na Gàidheil gun bhi cho dìleas do chainnt an duthcha ’s bu chòir dhaibh a bhith, tha moran eile dhiu anns am bheil tomhas math de spiorad nan seann laoch o’n d’thàinig iad, a tha deònach cliu an duthcha ’s cainnt an sinnsir a chumail suas. Is ann dhiu sin iadsan a rinn e comasach do’n MHAC-TALLA tigh’nn troimh na bliadhnachan so, agus a bhi aig an àm so na’s fhearr an dreach ’s am bodhaig na bha e riamh roimhe. Ma rinn sinn dearmad air ar taingealachd a chur an géill dhaibh, creideadh iad nach b’ann a chionn nach robh an taingealachd sin annainn. Is iomadh ni math a bhios anns a chridhe nach ruig bàrr na teanga, no idir gob a phinn. Tha dòchas againn gu’m bi àireamh na feadhnach a tha faicinn mar dhleasanas orra bhi cuideachadh MHIC-TALLA a’ sior dhol na’s mò, agus gu’n tig air gach soirbheachadh a ghuidh “Bodachan a’ Ghàraidh” dha, agus gu’m faic e, gu fior, “làithean a’s fhearr na chunnaic e fhathast.” Chaochail Maighstir Seumas Friseil, sagart parraiste St. Andrew, an siorrachd Antigonish, feasgar Di-haoine s’a chaidh. Bha e aon uair ann am parraist Ingonish, an siorrachd Victoria, agus an deigh sin an Glace Bay. Bha e rithist ann an Georgeville, an siorrachd Antigonish, agus cóig bliadhn’ deug air ais bha e air a chur do pharraist St. Andrew, far an robh e gu àm a bhàis. B’e aon de na sagairt bu chomasaiche bha ’san t-siorrachd, agus bidh mor ionndrain air am measg a luchd-eòlais. Bu Ghàidheal gu chùl e, agus bha fior mheas aige air cainnt ’s air eachdraidh a shinnsir. Bha e air a thiodhlacadh Di-màirt air an t-seachduin so. Bha àireamh mhor cruinn aig an tòrradh. Naidheachdan. Fhuaireadh Eadailteach marbh air an rathad mhor faisg air baile Halifax oidhche Di-sathuirne s’a chaidh. B’ ann le peileir daga chaidh a mharbhadh. Tha cuid a deanamh dheth gu’m b’e fhein a chur lamh na ’bheatha, ach tha amharus aig cuid gu’n deach a mhurt le Eadailteach eile. Chaidh tigh-grùdaireachd na ’theine ann an Glascho, agus bha seachdnar air an losgadh gu bàs le sruth uisge-beatha a bha ruith as. Bha an t-uisge beatha a’ gabhail, agus a’ giùlain an teine mach air an t-sràid agus do gach àite ’n robh e ruith. Mur biodh ri chur os leith an uisge-bheatha ann an Glascho ach na seachd bàis so, bu mhath an gnothach e. Ged nach eilear a’ glacadh uiread ghiomach am bliadhna ’s a b’ àbhaist bliadhnachan roimhe, tha na prìsean na’s àirde, agus mar sin tha na h-iasgairean a’ deanamh na’s fhearr. Thatar a nise ’faighinn tri dolair gu leth is ceithir dolair an crate orra. Tha cuid de dh’ iasgairean a rinn a cheana ceithir cheud dolair air na giomaich. Tha an t-iasgach eile car fad air ais seach mar a b’ àbhaist. Oidhch’ a cheathramh la dhe’n mhios so bha an tigh aig Ruairidh Mac-Phail, an Gleann Ainslie, faisg air Hogamah, air a losgadh gu làr. Bha muinntir an tighe uile na’n cadal, agus cha d’ rinn iad ach dùsgadh an àm gu iad fein a shàbhaladh. Bha innsridh an tighe air a losgadh gu h-iomlan, agus a bharrachd air sin chailleadh da mhile dolair de dh’ airgiod a bha’n gleidheadh aig fear an tighe. Tha an call mar sin anabarrach mor. Thatar ag obair gu trang air taomadh an uisge á Mèinn an Dominion, agus cha’n fhada ’n ùine gus am bi i tioram. Bidh an obair a’ tòiseachadh innte na’s luaithe na bhatar an toiseach an dùil. Ann am Mèinn an Reserve, far ’n do sguireadh de phàirt dhe’n obair air eagal gu’m bristeadh an t-uisge bha ’sa mheinn so a stigh, thatar a nis ag obair na h-uile latha. Cosdaidh an teine agus a chur as iomadh mile dolair do chuideachd a’ ghuail, ach a reir gach coltais cha d’ rinneadh call anns a mhéinn air nach faighear thairis. Tha na teintean lionmhor anns gach àite air tàille na tiormachd. Cha mhor uisge shil fad a’ Chéitein, agus toiseach a mhios so bha na coilltean cho tioram ri spong. Ann an Cuebec, ann am Maine, ann am New Brunswick agus ann an Nobha Scotia bha moran coille air a losgadh, agus cha robh dòigh air an teine chasg gun uisge shileadh. Ann am baile Digby, air an treas latha dhe’n mhios so, bha an ceò cho tiugh ’s gu’m b’ fheudar na soluis a lasadh, neo cha’n fhaiceadh daoine leis an dorchadas. Air an latha sin cuideachd, bha baile beag ann an New Brunswick, Musquash, air a thur losgadh, agus da cheud sluaigh air am fàgail gun dachaidh. Bha teintean an taobh so fein, ach cha robh iad gle mhor no ro-chunnartach. Tha aon aobhar-taingealachd ann, nach eil cùnntas gu’n d’ rinneadh call beatha leis na teintean so an àite sam bith. Ged thainig uisge a chuir as do na teintein tha tiormachd mhor ann fhathast, agus mur sil tuilleadh an ùine ghoirid bidh gach feur is bàrr air am milleadh. Tha meallan mora deighe timchioll Newfoundland a’ cur maille air an iasgach. Cha’n eil teagamh nach e na tha dhe ’n deigh mhoir anns a chuan an iar oirnn a tha fàgail an t-samhraidh so cho fionnar ’s a tha e ann an Ceap Breatunn. Tha sinn an dochas nach dean an luchd-gabhail dearmad air pàidheadh na bliadhna tha nis a’ toiseachadh a chur air adhart gun dàil. Tha iomadh cosdas ri choinneachadh mu’n àm so, agus cuiridh iadsan a ni ’n dleasanas an ealamhachd comain mhor oirnn. Chaidh Iain Blue a mhuinntir Orangedale a mharbhadh ann am mèinn ghuail an Glace Bay oidhche Di-haoine s’a chaidh. Gun a bhi na fhaireachadh sheas e fo’n chrò a bha aig an am a dol sios agus thainig e air gun fhios dha, ’ghrad mharbhadh. Bu duin’ òg e gun bhi pòsda. Bha Seanadh na h-Eaglais Mhethodich an Nobha Scotia cruinn ann an Sidni air an t-seachduin s’a chaidh ’s air an t-seachduin so. Bha àireamh mhor mhinisteirean a làthair, agus bha coinneamhan aca na h-uile latha fad corr is seachduin. Di-sathuirne s’a chaidh, bha iad air cuireadh o’n bhaile ag amharc thairis air seana bhaile Louisbourg ’s air Tùir Mharconi an Glace Bay. Tha an treas Seamrag aig Sir Tomas Lipton a nis ann an New York. Rinn i a turus thar cuain gun sgiorradh sam bith. Thatar ag innse gu bheil i moran na’s luaithe na’n da Sheamrag a chuir e nall roimhe. Thatar ag radh cuideachd gu bheil a bhirlinn Gheancach am bliadhna na’s luaithe na aon sam bith a thainig roimpe. Mar sin cha chuir sinn geall gu’n coisinn Sir Tomas Cupan na h-America am bliadhna ged a b’ fhior thoigh leinn fhaicinn ga ’thoirt air falbh leis. Bha gruaim mhor air muinntir Chanada ri Andra Carnegie air-son briathran a labhair e, ma b’ fhior, mu’n dùthaich so. Ann an Sidni gu h-àraidh bha corruich mhor an cuid againn, agus tha e toirt faothachaidh mor dhuinn a bhi nise leughadh nach d’ thuirt Andra còir facal mi-iomchuidh mu Chanada no idir mu bhaile-mor Shidni. Tha e os ceann ainme fein ag radh gu’n deach a mhor chuid de’n chomhradh a bhatar a’ cur air a dheilbh le fear paipeir-naidheachd. Tha sinn uile toilichte chluinntinn gu bheil Andra neochiontach, ach ’s mor ar duilichinn fein gur fear paipeir-naidheachd a bha cur nam breug air. Tha e dearbhadh an t-seanfhacail, nach eil coill gun a crìonach. Tha an t-Urr. Coinneach Domhnullach, ministeir Phort Morien, an deigh am parraiste sin fhàgail. Shearmonaich e an uair mu dheireadh ’san eaglais sin feasgar na Sàbaid romh ’n té s’a chaidh. La na Sàbaid roimhe sin shearmonaich e le mor thaitneas an eaglais St. Andrews, ’sa bhaile so. Air an t-seachduin s’a chaidh dh’ fhalbh e-fein ’s a theaghlach do Thoronto. Fhad ’sa bha Mr. Domhnullach ann am Port Morien, shoirbhich cùisean a choithionail gu math. Bha eaglais ur, togalach briagha, air a cur suas, agus cha’n eil ach suim gle bheag dhe na chosd i gun phàidheadh. Tha Mr. Domhnullach na shearmonaiche tapaidh am Beurla ’s an Gàilig, agus tha muinntir a choithionail gle dhuilich gu’m fac’ e iomchuidh am fàgail. Oidhche Di-ciaduin, an seachdamh la deug dhe ’n mhios so, bha gniomh uamhasach air a dheanamh ann an Servia. Bha an righ Alasdair is a bhanrigh Draga, air am murt air a mharbh mheadhon oidhche anns an lùchairt rioghail. Bha ofigich an airm aig bun a ghnothaich, agus bha na murtairean air an deagh dhuaisneachadh. Bha ’m Prionnsa Peadar air a ghairm na righ leis an arm cho luath ’s a thilg am fear eile ’n deò. Di-luain chruinnich a phàrlamaid, agus an deigh an aonta chur ri gairm Pheadair dh’ ionnsuidh a chrùin, thug iad taing do ofigich an airm air-son deanamh mar a rinn iad. Tha rioghachdan na h-Eòrpa mar nach biodh fhios aca ciod bu chòir dhaibh a dheanamh sa chùis idir, thainig an gnothuch cho grad orra—ach ’s e’s docha gu’n seas iad a thaobh mur deanar an còir murt is marbhaidh. Thatar ag iomradh gu bheil an righ ùr ag iarraidh murtairean an righ nach maireann fhògradh as an dùthaich. Cha ’n eil an t-iomradh sin air a dhearbhadh leis na fiosan mu dheireadh a thainig. Tha iadsan aig an robh lamh ’sa mhurt air àrdachadh dreuchd fhaotainn, agus tha e coltach, an àite bhi air am peanasachadh leis an riaghladh ùr gur ann a bhios iad air an duaisneachadh. [TD 203] [Vol. 11. No. 26. p. 3] INNSEAN NA H-AIRDE ’N IAR. AM measg nan daoine treun-inntinneach, foghainteach, iomraiteach a chunnaic an saoghal riamh, tha agus bithidh gu bràth àite àrd, measail aig Columbus, a fhuair a mach America. Bu gheur agus bu treun da rireadh na buaidhean inntinn agus anma ’bhuineadh dha. Air mhodh sònruichte, air nach robh e ma dh’ fhaoidte min-eòlach, bha ’smuaintean o thùs a làithean air an tarruing a dh’ ionnsuidh na Mor-roinn a bha agus a tha air taobh thall a chuain. Cha robh teagamh air bith aige fein gu robh Mor-roinn anabarrach farsuing agus beartach ann an àirde ’n iar an t-saoghail. Bha e cinnteach mar an ceudna gu faigheadh esan an dùthaich ùr so a mach, nam bitheadh comas aige air seòladh thar a’ chuain gus an dùthaich fharsuing, bhriagh a bha daonnan ’n a inntinn. An déigh dha iomadh oidheirp dhuilich, chruaidh a dheanamh, airson comhnadh fhaotuinn bho dhaoine cumhachdach, saoibhir anns an Roinn-Eorpa, nochd Ferdinand agus a Bhan-righ Iseabal anns an Spain, càirdeas mor agus faoilidh dha. Chuir e longan an òrdugh ann an ùine ghearr airson imeachd thar a’ chuain bheucaich, bhuirb gus an tìr àluinn ùr a bha gach àm ’n a bheachd. Cha robh ach longan suarach, dìblidh, bochd anns na longan a ghiùlain Columbus agus a chàirdean thar a’ chuain. Air an dara la deug de October, 1492, chaidh e air tìr air an eilean Salvador, a tha dlùth air tir mor America. Chaidh e gu minic air feadh Innsean na h-àirde ’n iar, agus bhuilich e air moran na h-ainmean a tha iad a’ giùlan gus an latha ’n diugh, Ged bha Columbus co àrd-inntinneach, tapaidh, b’ éiginn da moran trioblaid fhuiling bho na Spaintich féin. Chuir iad iomadh ni olc as a leth, ged bha e daonnan neo-fhéineil, glic, measarra ’s geamhnuidh. Is iomadh latha fada on chunnaic an saoghal gur e duine dìreach, comasach, ceart a bha gun teagamh ann an Columbus, agus gu robh a naimhdean nimheil, carach, aingidh, agus an-iochdmhor. Sgriobh Irving gu sgileil, gasda, firinneach eachdraidh beatha Cholumbuis, agus dhearbh e gu pongail gur e luchd breugach, olc ’us ana-measarra ’bha ann an naimhdean a’ ghaisgich eudmhor, ealanta ’fhuair a mach America. Aontaichidh sinn uile gu toileach leis na briathran mora, flathail, grinn a sgriobh Irving mu dheibhinn Cholumbuis: Gu bitheadh a Spiorad meamnach, àrdanach air faochadh ’us sòlas ’fhaotuinn, am measg deuchainnean a shean aois, agus am feadh a bha e bochd agus a bha daoine uasail ’us iosail a cumail uaithe ’n càirdeas, am meas agus a’ chliù air an robh e fior-airidh, ’nan robh comas aige air amhairc thar na linntean a bha air thoiseach air, agus air beachd shònruichte ’ghabhail air na cinnich, na slòigh, na teangannan ’us na cànainean a bha anns na làithean a bha ri teachd a dol a sgaoileadh thar an t-saoghail àluinn, bhòidhich a fhuair e fein a mach, agus a’ dol a lionadh còmhnardan ’us leargan ’us bailtean iomadh sluaigh le cliù ’s ainm ’us treubhantas ’us àilleachd Cholumbuis, co fada ’s a ruitheas clach ’us uisge. Is ann aig na Spaintich a bha uachdaranachd air tùs thairis air Innsean na h-àirde ’n iar. Is iomadh blàr a ghleachd cabhlach Bhreatuinn ’us na Frainge ’s na Spain airson ùghdarras ’fhaotuinn thar na h-Eileanan ud. Tha iomadh ceatharnach a bha dìleas ’us duineil ann an stri nan lann, a gabhail suain a’ bhàis ann an Innsean na h-àirde ’n iar. Thainig crioch air cogadh nan cabhlach anns na h-ionadan ud, agus a nis tha suaicheantas Bhreatuinn a’ séideadh ach beag anns gach soirbheas ann an Innsean na h-àirde ’n iar. Buinidh da eilean fathast do na Frangaich Martinique ’s Guadaloupe. Is ann am Martinique ’tha ’n cnoc loisgeach Pelee, as an d’ thàinig lava mìlteach, bàsmhor, a mharbh ann am beagan ùine iomadh mile duine. Tha measan luachmhor a’ togail an cinn gu lurach, àrd anns na h-Eileanan ud. Tha cinneas pailt, reamhar, craobhach r’a fhaicinn air gach taobh anns na h-Eileanan a bhuineas do Bhreatunn. Is ann le ùghdarras Bhreatuinn a tha mar so na h-Eileanan air an riaghladh ré iomadh ginealaich a nis. Tha teanga ’s àbhaistean Bhreatuinn air freumh làidir a ghabhail anns na h-Eileanan. Tha ’n sluagh a’ labhairt le guth ceòlmhor Beurla chruaidh, sgairteil. Cha ’n ’eil ach ùine ghoirid on thòisich sinn ann an Canada air eòlas pongail ’fhaotuinn mu na h-Eileanan nach ’eil fada bho ’r criochan fein, agus a bhuineas do Bhreatunn. Tha Pickford agus Black, cuideachd a tha ann a Halifacs, airidh air cliù mhor, on is iadsan a thòisich air bàtaichean smùide ’chur eadar Canada ’s Innsean na h-àirde ’n iar. Cha ’n urrainn do luchd-àiteachaidh nan Eileanan ud cruinneachd a thogail agus iomadh ni eile ’tha feumail airson teachd-an-tir an t-sluaigh. Tha sin a’ cinntinn anns an dùthaich bheartach againn fein, ann am pailteas mor, agus theid againn air moran a sheachnadh air am bheil feum daonnan aca anns na h-Innsean. Tha mar an ceudna feum againn air siùcar agus air iomadh meas ’us ni eile ’tha ’cinntinn anns na h-Innsean, agus a b’ abhaist a bhi ’dol a dh’ iarraidh agus a dh’ fhaotainn margaidh anns na Staitean agus an dùthchannan eile. Tha malairt ghasda ’dol air aghart cheana eadar Canada ’s na h-Innsean. Thug an Orinoco ochd mìle deug baraille le flùr ’us buntàta ’s iasg ’us nithean eile sios bho cheann beagan ùine gus na h-Innsean, agus thug i nios gu Halifacs da mhìle ’s da cheud tunna de shiùcar donn. CONA. EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. VIII. TAING A CHAIPTEIN—AM BAL A BHA ’SAN IUBHRAICH—GADACHD AGUS TEICHEADH CABHAGACH. AN uair a thug Eobhain air bòrd a nàmhaid, agus a thug e air na thug e as a’ chuan a chur am mach, agus a thug e gu thùr fhein e, bha e gu nàdarra smaointinn gu ’n tiodhlaiceadh e ’n tuagh gu bràth, agus gu ’n sìneadh e lamh an càirdeas dha. Ach bha e air a mhealladh; oir an uair a chruinnich an Caiptean a smaointeanan, ’s e nis gu sàbhailte na ’bhàta fhein, is ann a thòisich e ri cur coir’ a h-uile rud a bh’ ann air an t-sealgair. “Cha ’n ’eil teagamh,” ars’ Eobhain, “nach mi bu choireach, anns an aon t-seadh an robh ghuilbneach coireach ris an t-sùil a chur as an fhorsair cham. An uair a bha i tuiteam ’s e air a marbhadh, chum e ’shùil oirre gu bràth gus an do bhuail a gob na ’shùil.” Cha do leig Adam air gu ’n cual’ e so. “Bu shuarach orm,” ars’ esan, “do thoirt suas air-son feuchainn ri m’ bhàthadh. Theid agam air barrachd is aon duine fhaighinn a mhionnaicheas gum fac’ iad thu.” “Ma tha thu smaointinn gu ’n creidear d’ fhacal roimh m’ fhacal-sa, ged nach teid mi bhrìbadh duine sam bith gus mionnachadh air mo shon, rach air d’ adhart cho luath ’sa dh’ fhaodas tu. Ach bi glic, a Chaiptean Adam, agus leig suas na àm; oir tha thu nis a faicinn gur h-e do cheann fhein a’s brùite, gach uair a dh’ fheuchas tu ri m’ bhalla dìblidh a shreup gus mo chur gu dìth. Agus ged nach d’ fhuair mise breith àrd no àrach mar a fhuair thusa, is aithne dhomh a chrioch a tha eadar math is olc, agus cha ’n ’eil uam ach leigeil leam air mo shlighe fhìn ’san t-saoghal, ’s cha chuir mi dragh air neach sam bith, agus a nis á so suas seachainn thusa mo rathad, agus seachnaidh mise do rathad-sa, oir tha ’n saoghal farsuinn gu leor air ar son le chéile. A thaobh na chaidh seachad tha mi toirt làn mhathanas dhut, agus mar chomharra mu ’n dealaich sinn so mo lamh.” Leis an fhacal shìn e làmh do ’n Chaiptean, ach b’ e ’n fhreagairt a fhuair e gàire magaidh. “Ha! ha! tha sin math gu dearbh—am baigeir a toirt mathanais do ’n duin’-uasal! Thoir mathanas dhomh, Eobhain chòir, an uair a dh’ iarras mi ort e, ’s tha eagal orm gu ’n gabh thu fadachd mu ’n tig an uair sin.” Le so a ràdh leum e gu tìr, oir leis cho lag ’sa bha e an déigh a bhogaidh, b’ fheudar do ’n t-sealgair a chur gu cladach, agus b’ ann air an t-slighe ’bha ’n seanachas so eatorra. “Thig an latha gun teagamh,” ars’ an sealgair ris fhein, ’s e ’g amharc na ’dhéigh, “agus ma dh’ fhaoidte nach ’eil an ùine cho fada air falbh ’sa tha thu, Adaim òig, an dùil.” O bhriathran agus gluasad a Chaiptein thuig e gu ’m faodadh e bhi sealltainn air-son stoirm, oir bha e soilleir ri fhaicinn nach robh e idir ga chunntais fhein ciosnaichte fhathast, a dh’ aindeoin gach ni, agus nach biodh e riaraichte gun stri chruaidh a dheanamh fhathast gus a mhiann a shàsachadh agus inntinn a thoileachadh. Bha Eobhain ceart ’sa bheachd so; oir air a shlighe dhachaidh bhòidich agus mhionnaich Adam gu ’n cuireadh e nis gach unnsa dhe ’chuilbheartan an géill air-son greim fhaighinn air Màiri, agus gheall e dha fhein mu ’m biodh e seachduin na bu shine gu ’m biodh so deante, ’s mar sin bha ’shùil am mach, agus a chluas ri claisneachd daonnan. Bha mar an ceudna a bhàta agus a charbad cho deas ’s gu ’n cuireadh smèideadh gu gluasad iad, los an uair a ghlacadh e ’n t-eun gu ’m biodh a rogha aige gus a giulan, a réir an ama ’s an aite. Beagan ùine na ’dhéigh so—gus a bhi fior chinnteach, oidhche Dhior-daoin, oir b’ ann air Di-sathuirne ’bha iad ’san eilein—bha cuirm chridheil ann an taigh duine chòir ’sa bhaile, duine ris an cante Murachadh sgiobair. ’S e duin’ iongantach a bha ’m Murachadh, a chuir earrann dhe ’shaoghal seachad air bharr nan tonn dù-ghorm, agus a dh’ eirich ceum no dha os cionn a chumantais ann, gus an do chuir grian nan Innsean stad air le buille bheag no dha a thoirt da ’san eanachainn, a chuir cuileag luasganach ann. Ach bha beagan airgid aige ma seach, agus tùr gu leor, ’s gu ’n tug e aghaidh air tir an fhraoich, feuch an toireadh grian fhuar a dhùthcha fhéin as a cheann an seillein a chur grian nan Innsean ann. Bha e cuideachd cho glic ’s gu ’n d’ fhuair e bean ’san Dùn, agus air-son an t-ainm a chosnadh na b’ fhearr thog e taigh cho coltach ri luing ’s a ghabhadh deanamh, ri fior oir na mara, agus thug e ’n “Iùbhrach” mar ainm air. Bha e gu math déigheil air cuideachd na h-òigridh, is mar sin b’ ann ’san Iùbhraich a bhiodh spiorad an t-subhachais ri fhaotainn daonnan. Ach c’àit’ am bheil ceann mo sgeòil? O, a’ chuirm.—B’ ann ma ta ’san Iubhraich a bha òigridh an àite cruinn air an oidhche so a dh’ ainmicheadh. Am measg na h-òigridh ghreadhnach so bha Màiri bheag, cho ciùin, speisealta ’s bu ghnàth, agus Una dhonn cho bòidheach ’s a b’ àbhaist, air faireadh. Ach chi sinn air tarruinn dlùth, gu bheil i bàn, tana seach mar a b’ àbhaist, agus gu bheil buailtean mu na sùilean a b’ àbhaist a bhi cho soilleir, agus nach ’eil an gàire air a [TD 204] [Vol. 11. No. 26. p. 4] bilean ach tearc, agus a tighinn a dh’ aindeoin. Bha Eobhain bàn mac an t-Saighdeir ann, agus cha robh fear fo na cabair a thigeadh suas ris an eireachdas, na dheise bhòidhich bhallaich Ghàidhealaich, agus ged a bha e na ’dhuine mor trom, cha robh dannsair ’sa chuideachd a bheireadh bàrr air, no bha cho aotrom ris air an ùrlar. Ged a b’ i Una nighean bu bhòidhche bha stigh, ann an dòigh chruaidh, fhuar, cha robh i idir a faighinn a bheag a dhannsa air an oidhche so, oir bha gillean an àite air a h-aithneachadh (páirt dhiubh co-dhiu) agus air féin-fhiosrachadh fhaighinn mu cho iomlan ’s cho caochlaideach ’sa bha i. Mar sin bha i cumail a bhalla ’chuid bu mhotha dhe ’n oidhche, agus cha ’n ’eil teagamh nach b’ ann air furm an aithreachais, air dhi a bhi faicinn na chaill i, agus a bhi faicinn nigheanan eile air an robh i sealltainn sios aon uair, ’s an gruaidhean laiste le toileachas inntinn, le ’n leannain dhìleas a dol ’sa rìdhle gu h-uallach. Ged nach b’ fhiach le Caiptean Adam a bhi air an dannsa bha gille uaithe ann, agus bha e fhein le iarunn ’san teallach air an oidhche so, oir nach b’ e so an oidhche bha e dol ga dhuaisneachadh fhéin, agus a bhàrr air a sin a dol a chur saighead guineach an cridhe ’n t-sealgair, a bu lugh’ air na ’m puinnsein. Bha ma ta, e fhein agus seirbhiseach le carbad a falach dlùth do thaigh an dannsa, agus fear eile ris an cante Seumas breac aig a chuirm a’ gabhail beachd air cùisean d’a mhaighstir agus air-son àm a chothrom innse dha. Bha ’n taigh gu math bruthainneach, agus bha mar sin na dannsairean na ’m buidhnean an dràsda ’sa rithist a dol am mach a dh’ iarraidh na fionnarachd. Thug Seumas breac an aire le ’shùil gheur gu ’n robh cleòca dubh aig Màiri bhig agus cleòca soilleir aig Una, agus air dha ’m faicinn a deanamh deas le chéile gus a dhol greis a ghabhail soirbheas cùbhraidh na mara, am mach a ghabh e far an robh ’mhaighstir leis a bhrath aoibhneach ris an robh e feitheamh. Bha ’n oidhche gu math dùbhrach, le sgleò neòil dhorcha a ruagadh a chéile gu h-àrd, air chor ’s gu ’n robh i gu math freagarrach mar chuibhrig gu còmhdach ghniomhan eu-ceartais nach fuiling grian geal Dhé. “A nis,” arsa Seumas breac, ’s an anail an àird a chléibh, “tha iad a tighinn, Màiri bheag is Una. Tha cleòca bàn air Una, agus aithnichidh sibh Màiri air a chleòca dhubh.” Gun dàil chual’ iad an dithis, agus o’n bha ’n t-àit’ air a chùnntas diomhair, a còmhradh mar is dual do nigheanan a bhith. Chrùb na sealgairean dubha ris a chreig, air do ’n dithis nighean tarruinn dlùth. Am briobadh na sùla ’san dol seachad leum Adam am mach le ’ghille, agus chaitheadh cuibhrige m’a cheann té a chleòca dhuibh, is togar i dha ’n charbad a bh’ aig an fhear eile ga ’fheitheamh, ’s am mach a ghabh iad na ’n cruaidh leum. Chaidh gach éubhach a bh’ ann an uair a thachair so a bhàthadh le fuaim throm nan tonn. Agus a bhàrr air a sin chaidh Seumas breac fhàgail, le òrdugh cruaidh, maille chumail air Una, air eagal ’s gu ’n toireadh i seachad sgeula nan creach tuilleadh is luath, gus cothrom a thoirt dhàsan astar sàbhailte ’chur eadar e fhéin is tòrachd o’n t-sealgair. Mar sin thachair. Bha fuaim a charbaid air a chall fad ùine mu ’n d’ fhuair té a chleòca bhàin leis an naidheachd gu taigh an dannsa. Aig an dorus thachair Eobhain bàn rithe, ’s e dol ga sireadh, a gabhail fadachd nach robh iad a tilleadh. “O, Eobhain,” ars’ ise, ’s a h-anail an àird’ a cléibh, “thachair tha—thachair ni ua—uamhasach! Thugadh Una air—air falbh o m’ thaobh le dithis dhaoine ann an carbad, is dh’ fhalbh iad na ’n cruaidh leum. Chuir creutair eile ’ìnnean an sàs annamsa mar chat fiadhaich, agus chum e mi air eagal gu ’n tiginn ga ’innse, gus am biodh iad air falbh gu math.” “Ach, a Mhàiri, cha robh aon teagamh agam nach b’ i Una a bh’ annad fhein. Nach e so an cleòc’ aice?” ’s e cur a laimhe air. “’S e,” arsa Màiri, ’s i deanamh gàire. “Bha ’n t-amadan manntach gu math easgaidh gu frithealadh dhuinn, an uair a bha sinn a tighinn am mach, agus le mearachd thug e dhòmhsa cleòc’ Una, agus thug e mo chleòca-sa do dh’ Una, ’s air son spòrs agus air-son a toileachadh dh’ fhàg sinn mar sin iad.” “Ma ta,” ars’ an sealgair, an déigh dha bhi tiotadh a smaointinn, “bi cinnteach, a Mhàiri, gu bheil làn dhùil aca gur tusa th’ aca; oir tha mi cinnteach gu bheil an trusdar, Caiptean Adam, aig bun a ghnothuich.” Ruith e thun an àite, ach cha robh Seumas breac no neach eile ri ’m faicinn, air am builicheadh e pàirt dhe fheirg. “Co aig’ tha brath,” ars’ esan ri Màiri, ’s iad a nis a tilleadh thun an doruis, “nach robh mi cearr a thaobh a cho-dhùnaidh thun an tainig mi roimhe. Ma dh’ fhaoidte gu ’n robh Una fhéin ’san diomhaireachd, agus gu ’n robh iad air-son teicheadh le chéile.” “Cha ’n ’eil fios agam dé their mi,” arsa Màiri, “oir tha mi smaointinn nach robh reusan sam bith aca deanamh mar sin. Tha fios agam gu ’n robh an t-aon a bh’ aca ri fhaighneachd—a màthair—làn dheònach iad a phòsadh, agus a deanamh na b’ urrainn i gus a thoirt mu ’n cuairt.” A smaointinn mar so gur a dòcha gu ’m b’ ann le a toil fein a dh’ fhalbh Una le “Struidheir a’ Bheallaich,” mar a theirte ris a nis, cha do chuir aon sam bith dragh air fhein air a tàille. ’S ann a bha a màthair gu spreadhadh le pròis an uair a chual’ i e. “Ah!” ars’ ise, agus leth troidh a bharrachd a tighinn a dh’ àird’ oirre, “cha robh de mhisneach aig a ghille bhochd na thigeadh ga h-iarraidh orm fhìn. A bhàrr air a sin, ’s e sud fhéin an dòigh fhasant’ am measg nan uaislean. Agus ged a tha ’ur teangannan-se luath gus coire ’chur air m’ Una-sa, ’s e gach aon agaibh a bhiodh toilicht’ am màireach na ’n sealladh tighearna ’n taobh am biodh ’ur loireagan nigheanan, gun tighinn air teicheadh leotha.” (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. ALADIN. CAIB. XIX. BHA Aladin anabarrach toilichte an uair a thainig am fathach far an robh e, agus gun duil sam bith aige ris. “Sabhail mo bheatha dhomh, ’fhathaich, an dara uair, aon chuid le innseadh dhomh c’aite am bheil an luchairt a thog mi, no leis an luchairt a thoirt air ais far an robh i roimhe.” “Cha ’n urrainn mise deanamh mar a tha thu ’g aithneadh dhomh,” ars’ am fathach; “cha ’n ’eil e ’nam chumhachd. Cha ’n ’eil mi ’nam sheirbhiseach ach aig an fhainne. Feumaidh tu do ghearain a dheanamh ri seirbhiseach a’ chruisgean.” “Ma ’s ann mar sin a tha,” ars’ Aladin, “tha mi ’g ordachadh dhut, le cumhachd an fhainne, mo thoirt a dh’ ionnsaidh na luchairt, ge b’ e air bith aite anns am bheil i, agus mo leigeadh as fo uinneag an t-seomar anns am bheil nighean an righ a’ fuireach.” Cha bu luaithe labhair Aladin na briathran so na thug am fathach leis e gu ruig’ Africa. Dh’ fhag e e aig an luchairt, fo bhonn na h-uinneig aig an t-seomar anns an robh nighean an righ ’na laidhe. Bha ’n luchairt air a suidheachadh air achadh mor, farsuinn, faisge air aon de bhailtean mora na h-Africa. Ged a bha ’n oidhche dorcha, dh’ aithnich Aladin an luchairt, agus an seomar anns an robh nighean an righ a’ fuireach. Ach o ’n a bha greis mhor dhe ’n oidhche air a dhol seachad, agus o ’n a bha samhchair mu ’n luchairt, shuidh e fo bhonn craoibhe a bha faisge air an luchairt gus an tigeadh an latha. Bha e sona gu leor ’na inntinn an uair a bha e ’smaointeachadh air mar a thachair dha fhaotainn do ’n aite mhath ud an deigh a’ chunnairt anns an robh e an uair a rinn an righ greim air, agus a bha e air thuar a bhith air a chur gu bas. Bha e ’g a thoileachadh fhein leis na smaointeanan so; ach o nach do rinn e norradh cadail fad coig no sia de laithean, thuit e gu trom ’na chadal far an robh e. Air an ath mhadainn, dhuisg e le ceilearadh nan eun a bha air a’ chraoibh fo ’n do chaidil e, agus leis na bha na h-eoin a bha mu ’n cuairt dhe ’n luchairt a’ deanamh de cheileireadh. An uair a sheall e air an aitreibh iongantaich ud, bha aoibhneas do-labhairt air an uair a smaoinich e gu ’m biodh i aige dha fhein ann an uine gun a bhith fada, agus gu ’m faigheadh e greim aon uair eile air a mhnaoi do ’n robh gradh cho mor aige. Leis na smaointeanan taitneach so ’na inntinn, dh’ eirich e, agus thug e greis air coiseachd mu choineamh uinneag an t-seomair anns an robh nighean an righ, agus e ’n duil gu ’n eireadh i, agus gu ’m faiceadh e sealladh dhi. Am feadh ’s a bha e mar so a’ coiseachd, bha e sior smaointean air mar a thainig am mi-fhortan ’na rathad; agus an uair a bha e ’greis mhath a’ dol fo ’smaointean, thuig e gur ann aige fhein a bha choire, a chionn nach do chuir e an cruisgean far nach faigheadh neach sam bith e. Bha e gle dhiumbach dheth fhein a chionn gu ’n robh e cho mi-churamach ’s gu ’n d’ rinn e ’leithid de dhearmad air a dhleasdanas. Ach cha b’ urrainn e aig an am a thuigsinn co an neach a fhuair greim air a’ chruisgean. Na ’n robh fhios aige gur ann an Africa a bha e, bha e anns a’ mhionaid air a thuigsinn gu ’m b’ e an draoidh a rinn an cron air. Ach cha d’ ainmich seirbhiseach an fhainne dha c’aite an robh e, agus cha mho na sin a dh’ fheoraich e fhein facal m’ a dheidhinn. Dh’ eirich nighean an righ air a’ mhadainn ud na bu traithe na b’ abhaist dhi. An uair a bha i ’cur uimpe, sheall te dhe na mnathan-coimhideachd am mach troimh ’n uinneig, agus thug i an aire do Aladin, agus anns a’ mhionaid dh’ innis i d’ a banamhaighstir e. Cha chreideadh nighean an righ an naigheachd, agus ghrad chaidh i fhein thun na h-uinneig. Agus an uair a chunnaic i Aladin, ghrad dh’ fhosgail i an uinneag. An uair a chual’ Aladin a bhith ’fosgladh na h-uinneig, sheall e suas, agus, an uair a chunnaic e nighean an righ aig an uinneig, dh’ fhailtich e gu cridheil i. Thuirt i ris: “Air eagal dad a dh’ uine chall, chuir mi neach a dh’ fhosgladh an doruis dhiomhair dhut. Thig a steach, agus thig a nuas.” An uair a thuirt i so dhuin i an uinneag. Cha bu luaithe fhuair Aladin a steach na ghabh e direach suas do’n t-seomar anns an robh nighean an righ. Chuir iad failte gu cridheil, caoimhneil, gradhach air a cheile, agus shil iad deoir an aoibhneis gu frasach. An deigh dhaibh na deoir a thiormachadh air falbh, thuirt Aladin: “Tha mi ’guidh’ ort, a bhana-phrionnsa, ann an ainm Dhe, gu ’n innis thu dhomh, mu ’m bi an tuilleadh comhraidh eadrainn, ciod a thachair do ’n t-seana chruisgean a dh’ fhag mise an crochadh ris a’ bhalla ann an talla nan ceithir uinneagan [TD 205] [Vol. 11. No. 26. p. 5] fichead mu ’n d’ fhalbh mi do ’n bheinn sheilg.” “Ochan! mo cheile gaoil,” ars’ ise, “tha eagal orm gur e an cruisgean sin a chuir am mi-fhortan so ’nar rathad; agus is e tha ’g am chur fo dhoilghios buileach glan gur ann agam fhin a bha ’choire.” “Na bi ’cur coire sam bith ort fhein,” ars’ Aladin; “is ann a bha ’choire gu leir agamsa. Bu choir dhomh a bhith air a ghleidheadh na bu churamaiche na rinn mi. Ach feuchamaid a nis ri dhol ann an cois ar calla. Innis dhomh mar a thachair a’ chuis, agus co fhuair greim air a’ chruisgean.” Dh’ innis i dha a h-uile car mar a thachair dhi an seana chruisgean a thoirt seachad ann an iomlaid air son cruisgean ur, mar a fhuair i i-fhein air an ath mhadainn ann an Africa le innleachd an draoidh mhealltaich a thug an car aisde mu ’n chruisgean. “A bhana-phrionnsa,” ars’ Aladin, “tha mi nis a’ tuigsinn co ’thug an car asainn, an uair a tha thu ’g innseadh dhomh gur ann an Africa a tha sinn. Is e duine cho mealltach ’s a th’ air an t-saoghal. Ach cha ’n e so an t-am no ’n t-aite anns an coir dhomh lan-chunntas a thoirt dhut mu dheidhinn cho eucorach, aingidh ’s a tha e. Tha mi ’g iarraidh ort fios a thoirt dhomh ciod a rinn e ris a’ chruisgean, agus c’aite am bheil e ’g a ghleidheadh.” “Tha e aige gu curamach ’na bhrollach a h-uile taobh a theid e,” ars’ ise; “agus tha fios is cinnt agam air a so, oir thug e ’mach as a bhrollach e, agus sheall e dhomh e.” “A bhana-phrionnsa,” ars’ Aladin, “na bi diumbach dhiom a chionn gu ’m bheil mi ’feorach a leithid do cheisdean dhiot, oir is e gnothach cudthromach a th’ ann a bhuineas araon dhutsa agus dhomhsa. Innis dhomh, tha mi ’guidh’ ort, cia mar a tha ’n duine mealltach, eucorach ud ’g a ghluasad fhein ’nad lathair?” “O ’n a thainig mi an so,” ars’ ise, “tha e ’tighinn uair ’s an latha g’ am fhaicinn; agus tha mi cho gruamach agus cho greannach ris ’s nach ’eil toil aige tighinn na ’s trice. Tha e sior chomhairleachadh dhomh bristeadh air a’ ghealladh a thug mi dhutsa, agus e fhein a phosadh. Tha e ’feuchainn ri thoirt orm a chreidsinn gu ’n do chuir m’ athair gu bas thu. Agus tha e ’g radh nach ’eil annadsa ach creutair truaillidh neo-thaingeil, agus gur ann air a shaillibh fhein a fhuair thu am fortan mor a thainig ’nad rathad. Thuirt e moran eile nach ruig mi leas ainmeachadh. Ach o nach ’eil e ’faotainn dad a’s fhearr uamsa na deoir agus coimhicheas, agus caineadh, tha e ’falbh a’ cheart cho mi-thoilichte ’s a tha e tighinn. Cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil e ’smaointean gu ’n tig atharrachadh air mo nadar ri uine; ach cha ’n ’eil eagal sam bith orm a nis o ’n a tha mo cheile gaoil maille rium.” “Tha mi ’creidsinn gu ’n teid agam air araon mi fhin agus tu fhein a shaoradh o ar namhaid; ach feumaidh mi dhol do ’n bhaile mu ’n teid agam air an innleachd a chinnich ’nam cheann a chur an gniomh. Tillidh mi mu mheadhain latha, agus innsidh mi dhut ciod a tha ’nam bheachd a dheanamh, agus innsidh mi dhut mar an ceudna ciod a dh’ fheumas tusa dheanamh, a chum gu ’n teid an gnothach leinn mar is math leinn. Ach a chum nach bi ioghnadh ort, tha e iomchuidh dhomh innseadh dut gu ’m feum mi m’ aodach atharrachadh. Agus an uair a thig mi thun an doruis dhiomhair, tha mi ’guidhe gu ’m fosglar dhomh e cho luath ’s a bhuaileas mi aige.” Gheall a’ bhana-phrionnsa gu ’n deanadh i direach mar a dh’ iarr e oirre. An uair a chaidh Aladin am mach as an luchairt, sheall e mu ’n cuairt da agus thug e an aire gu ’n robh duine cumanta a’ dol air aghart do ’n duthaich. Choisich e gu cabhagach gus an d’ rug e air, agus thuirt e ris gu ’m bu choir dhaibh an cuid aodaich iomlaideachadh. Dh’ aontaich an duine so a dheanamh. Chaidh iad gu cul garadh, agus dh’ iomlaidich iad an cuid aodaich. Chaidh an duine cumanta air aghart a dh’ ionnsuidh a ghnothaich fhein, agus chaidh Aladin do ’n bhaile far an do dh’ fheoraich e air son fudar araidh o dhoctair a bh’ anns a’ bhaile. Sheall an doctair air, agus an uair a thug e ’n aire gur e deise duine bhochd a bh’ air, shaoil e nach robh aige de dh’ airgiod na cheannaicheadh am fudar. Thuirt e ris gu ’n robh am fudar aige, ach gu ’n robh e gle dhaor. Thuig Aladin gle mhath ciod a bha ann an inntinn an doctair, agus thug e ’mach an sporran as a phocaid, agus leig e fhaicinn dha gu ’n robh aireamh de bhuinn oir aig’ ann. Cheannaich e am fudar, agus phaigh e bonn oir air a shon. An deigh dha greim beidh a ghabhail anns a’ bhaile, thill e thun na luchairt. Fhuair e steach air an dorus dhiomhair cho luath ’s a bhuail e aige. An uair a rainig e an seomar anns an robh a bhean, thuirt e rithe: “Is docha gu ’m bi a’ ghrain a th’ agad air an draoidh buailteach air a thoirt ort diultadh deanamh mar a tha mise gus iarraidh ort a dheanamh. Ach ceadaich dhomhsa innseadh dhut gu ’m bheil e ro fheumail gu ’n deanadh tu mar a tha mise ’g iarraidh ort. Ma tha toil agad thu fhean a shaoradh o ’n draoidh, leig ort gu ’m bheil thu air fas measail air, a chum gu ’n toir thu do thoileachadh do d’ athair gu ’m faic e thu aon uair eile. “Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa,” ars’ esan, “cuiridh tu umad an trusgan cho math ’s a th’ agad. Agus an uair a thig an draoidh, bidh tu na ’s caoimhneile ris na bha thu riamh. Biodh aoidh ort ris, agus ged a bhiodh coltas broin ort, bi mar gu ’m biodh tu air thuar do bhron a chur gu buileach air chul. “An uair a bhios tu ’comhradh ris, feuch ri thoirt air a thuigsinn gu ’m bheil thu ’feuchainn ri do bhron a leigeadh air dichuimhn’. Agus a chum gu ’n toir thu air a chreidsinn gu ’m bheil thu an deis tlachd mor a ghabhail dheth, iarr air a shuipear a ghabhail comhladh riut, agus abair ris gu ’m bu mhath leat blasad air an t-seorsa fiona a’s fhearr a th’ anns an duthaich. Theid e gun dail a dh’ iarraidh an fhiona so dhut. Fhad ’s a bhios e air falbh, cuir rud dhe ’n fhudar so anns a’ chup!; agus abair ris an t-seirbhiseach a bhios a’ frithealadh dhuibh, an cupa ’thoirt g’ a d’ ionnsuidh an uair a thig an t-am freagarrach. An uair a dh’ itheas agus a dh’ olas sibh le cheile na thig ribh, their thu ris gur coir dha fion ol as do chupan fhein mar chomharradh air a’ mheas a th’ aig’ ort. Thoir an aire gu ’m bi an cupa anns am bheil am fudar laimh riut, agus lionadh tu dha e. Olaidh e gun teagamh e, gus do thoileachadh. Agus cha luaithe dh’ olas e e na thuiteas e an comhair chul a chinn.” COGAR-ADHAIR A DETROIT. FHIR DEASACHAIDH:—Cha’n fhaca mi fhathast litir ’sa MHAC-TALLA a chaidh a chur ugaibh ann an “cogar-adhair; is e sin a chur nam inntinn an té so a chur d’ ur n-ionnsuidh air an dòigh nuadh agus iongantach sin. A thaobh nan ainmean a chaidh a thairgse dhuibh an àite “cogar-adhair” is e mo bharail nach ’eil aon dhiubh cho freagarach ris an ainm sin fhein. Tha e fonnmhor, freagarrach, fìrinneach is goirid. Is duilich leam cur an aghaidh Bodachan a’ Ghàraidh ann a rud sam bith, ach feumaidh mi a ràdh gu bheil an t-ainm a thairg esan is feadhainn eile ann am feum a cheana: is e sin “fios dealain,” Nach e sin a their sinn an dràsda ri telegram an uair is miann leinn a bhith fior Ghàidhealach? Cha’n ’eil mi fein a’ dol a thairgse ainm air a shon, mur ceadeich Peigidh Phabach dhomh a bhith an comaidh rithe mu ’n ainm fhonnmhor a thairg ise dhuibh. Is e sin am “Braman Sgiathach.” Is iomadh gàire thug an t-ainm sin orm o leugh mi e ’san litir aice. Tha mi creidsinn nach mi nam aonar air an d’ thug sin gàire. Thaghail orm an t-seachduin s’a chaidh Gàidheal càirdeil is deadh mharaiche a bheir long gu cala cho math ri fear ’san t-sreath, Rob Mac Leoid á Baile-nan-Gall, iar ogha bràthair mo shinn-seanamhair. Fhuair mi moran fiosrachaidh bhuaithe mu dheidhinn Gaeltachd America. Sin agaibh ainm ùr d’ an Eilean agaibh, ged nach b’ urrainn mi ainm fhaotainn airson wireless telegraphy. Tha dolair bliadhnail MHIC-TALLA agam deiseil nam sporan, gidheadh, o nach gabh airgead cur an cogar-adhair, feumaidh mi a chumail an sin an dràsda. Ach sgriobhidh mi litir ugaibh an uine ghearr is bidh an dolair innte gun teagamh. Cha ’n e so a chiad chogar-adhair a chuir mi air falbh ugaibh, ach tha mi dearbhte nach d’ rainig am fear eile sibh. Is e mo bharail gun ghlac na h-innealan aig Marconi e, agus o nach tuig an duine innleachdail sin Gàidhlig, ged is leth Eirionnach e, ma dh’ fhaodte gu robh e de’n bharail gur h-e bh’ ann naigheachd a thainig da ionnsuidh ás a’ ghealaich, air neo á feareigin dhe na saoghail eile tha thallad. Is duilich leam tarruing gu crìch, o’n is fior thaitneach leam a bhith a seanachas air an dòigh so, ris na Gàidheil a bhios a leughadh MHIC-TALLA. Tha fios is cinnt agaibh gu bheil gach facal a bhitheas an cogar-adhair a’ cost deich sentaichean, agus tha fios agaibh cuideachd nach ’eil meinn òr aig ’ur caraid DOMHNULL MAC LEOID. P. S.—Thainig ath-smuain ugam bho’n sgriobh mi na tha roimhe so. Is ann le teine-adhar tha Marconi a’ cur air falbh nam fiosan. Tha an teine sin (electricity) a’ dùsgadh thonnan ’san adhar (ether) mar dh’ eireas tonnan air loch an uair a thilgeas neach clach ann. Tha na tonnan adhair sin a’ sgaoileadh gus na ceithir ghaothan, ’san dearbh dhoigh anns am bheil na tonnan air an loch a sgaoileadh. Cha’n ’eil fios ciod e cho fada air astar ’sa theid iad. Ma thachras meall iaruinn no uisge fior-ghlan riutha, is eiginn dhaibh dhol timchioll orra, mar ni na tonnan air an loch ’nuair thachras sgeir riutha. Co am fear de leughadairean MHIC-TALLA a leanas na tonnan siubhlach so, le suil inntinn, bho dhuisgear iad ’sa Pholdubh no an Glace Bay a mach troimh fharsuinneachd chianail nan speur; seachad air a Ghealach, seachad air Uranus, seachad air Neptune, seachad air Arctùrus, an rionag a’s maisiche ’san speur; a’ siubhal le luathas eagalach, bliadhna na ’n deigh bliadhna, linn an deigh linn, seadh deich ciad mile bliadhna, agus ma dh’ fhaodte deich uairean na h-uine sin, gus mu dheireadh gu ’m brist iad air cladach an reul a’s fhaide mach a chi sinn leis an telescope: agus ás a sin a ghabhas seachad do dh’ fharsuinneachd do-thuigsinneach? Am fear a chumas sùil na h-inntinn orra gu sin nach fhaod e sluagh fhaicinn air an reul sin a bhitheas a mhile fillt na’s eòlaiche air Nadur na tha sinne, agus a thuigeas na tonnan so agus cia as dhaibh na’s fhearr na tha sinne tuigsinn an t-soluis a bhitheas deich ciad mìle bliadhna a’ tighinn na thonnan sàmhach air an doigh cheudna bho ’n reul sin? Dh’ fhaodadh neach na bu [TD 206] [Vol. 11. No. 26. p. 6] mhiosa dheanamh na ainm a dhealbh d’ an teachdaireachd ùr so, de na facail tonn is teine, an teine adhair a tha gan dùsgadh. Nach aluinn an t-ainm a bh’ aig Oisian air te de na reultan, Tonn-theine, air a dhealbh bho na facail cheudna. Co tha ’g ràdh gu bheil a Ghàidhlig blion? Is i nach ’eil. Tha iad a’ deanamh fuaim gu leoir air cànainean eile ma’s suidhich iad air ainm do dh’ innleachdan ùra. A rithist slan leibh. D. M. L. Ceilidh nan Gaidheal an Glascho. (Oban Times). Chumadh cuirm-chnuic a’ chomuinn so ann an Uplawmoor air Di-sathuirne so chaidh, an 6mh latha de ’n mhios so. Dh’ fhàg a’ chuideachd shunndach, thogarrach o’n Ionad Mheadhonach, le carbad na smùide, aig dà uair agus dà mhionaid an deigh mheadhon là “B’ àrd dòchas an cléibh” gach fear is té de ’n cheithir fichead pearsa a bha làthair, agus b’ aithnichte gu ’m b’ e smuain gach neach: “Fàgaidh mi cùirtean dùint’ agus salach A dh’ amharc air gleannaibh nam bò.” Cha do chuir criothnachadh a’ charbaid mùiseag air neach, ’s bha iad cho beothail, aoibheil an uair a rainig iad Monadh-an-druim-mhòir ’s a b’ fheaird cuideachd a bhith. Choisich iad an còrr de ’n astar gu h-uallach fo éisdeachd pongan fallain fonnmhor na pìob-moire gu ruig fearann an t-seann t-Sabhail, agus da rireadh “B’ àluinn a bheinnean ’s a shrathan, B’ éibhinn dath a ghleanntan.” Bha air thoiseach air a mhor-chuideachd na chuir a’ chuirm air deagh dhòigh. Bha ’n t-anart sgaoilte air an fheur ghorm ghrinn làn de bhiadh ’s de dheoch do ’n d’ rinneadh làn cheartas. “Dé ’s fhiach cuirm gun a còmhradh?” thuirt gach neach ris fhein, ’s mar sin thoisich an conaltradh, ’s b’ fhurasd a thuigsinn gu ’n robh gach neach de ’n bheachd gur h-ann a bha ’n so latha-féille. Dh’ fhàg gach fuachd a’ chuideachd, ’s tharruing iad ri ’chéile ann an eud ro-bheò. Air do ’n chuirm a bhi réidh, thoisich a’ chluich ’s an coimhliongadh ann an rogha spioraid. Bha ’n luchd duais mar a leanas:— MNATHAN-UAISLE. 1. Cur na cloiche, Mairearad Nic Gilleain. 2. Réis—100 slat, Mairi Anna Nic Gilleain. 3. Coiseachd, 3 mìle, Mairi Nic-Ciar. DAOIN’-UAISLE. 1. Réis—100 slat, Donn. Mac Gilleain. 2. Leum-àrd, Gilleasbuig Hàrdaidh. 3. Réis tri-chasach, D. Mac Gilleain agus D. Mac Urchaidh. 4. Cruinn-leum, Gilleasbuig Hàrdaidh. 5. Réis comhair-cùil, D. Mac Gilleain. 6. Réis air leth-chois, D. Mac Urchaidh. 7. Réis am poca, D. Mac Gillleain. Bha mar an ceudna tarruing-catha air a chur air bonn eadar da bhuidheann de na mnathan uaisle agus cuideachd eadar da bhuidheann de na daoin’-uaisle. Tharruing iad uile gu dùrachdach, duineil, agus bu mhaith a choisinn iadsan a bhuanaich an duais. Bha ’n uine a ruith gu luath. Bha e nis sia uairean, agus fhuaireadh an ath chuirm—aran is bainne, a bu chiatach a thigeadh ri càil a’ Ghàidheil. Thugadh seachad na duaisean ann an doigh a bha taitneach, le Rìgh Chamarailia ’n a sheasamh air stoc craoibh-fheàrna. Chuireadh seachad an còrr de’n ùine ri ceòl is dannsa, is conaltradh—cuid air dreallaig, ’s cuid air raon, ’s gach aon neach toilichte. Ghleusadh a’ phiob gu togarach, ’s mu ochd uairean thug a’ chuideachd an aghaidh an taobh a thàinig iad, a’ ruigheachd Ghlaschu mu leth-uair an deigh naoi. Cha robh riamh aig a’ Chéilidh cuirm-chnuic a bu shoirbheachaile. Cha b’ urrainn duine latha a b’ fhearr iarradh. Bha ’n t-ionad thar tomhais àillidh. Bha gach crann fo bhlath, ’s gach cnoc fo ghorm-bhrat feoir air a bhreacadh le flùrain mhaoth, a dh’ fhas, direach mar a dh’ fhas iad anns na glinn ’s an d’ araicheadh sinn. B’e so an dùthaich da-rireadh—obair lamhan Dhé fhein, ’s cha b’e obair duine. Bha solas air gach creutair, ’s bha aoibhneas oirnne mar chuideachd. BARDACHD NA FEINNE. EAMHAR ALUINN. ROIMH-RADH. AIR do Oisian a bhith ’na sheann laoch, dall, agus fann, an deigh na Feinne uile, agus comunn ’òige air dol seachad; bha e gun chuid, gun chàirdean, a’ caoidh nan treun-laoch a dh’ imich, agus a’ smaoineachadh air a threuntais fein, agus am meas a bha air mar mhac righ, agus mar ghaisgeach òirdhearc ann an làithibh ’òige. ’S an àm sin thug nighean a bha ann an aon taigh ris tàire dha, agus labhair esan na briathran a leanas, ag innseadh gu h-àraidh mu ’n uair a chaidh e a shuiridhe air Eamhar Aluinn, nighean Bhrian, a’ cheud bhean a bh’ aige, agus mar a dhearbh e e-fhein mar ghaisgeach, agus na laoich a bha maille ris, an uair a thug e an ceann de Chormaig, leannan Eamhair Aluinn, agus an uair a mharbh e na laoich a bha maille ri muinntir Chormaig: tha e ’g innseadh mar a chaidh e-fhein agus a chuideachd le gàirdeachas a chum ’athar, agus Eamhar Aluinn aige, agus ceann Chormaig ’na laimh; ach an t-atharrachadh a thainig air o ’n uair sin, gu ’m faigheadh e tàire o nighinn. Agus tha e mar sheanfhacal ’s a’ Ghàidhealtachd gus an latha ’n diugh, an uair a bhios neach aosda, gun slàinte, gun stòras, gun chàirdean, gu ’m bheil e mar a bha Oisian an déigh na Feinne. Is tàireil duine far nach ionmhuinn, Deireamsa ruitsa ’nighean Aonghais; Gu’n robh mi a’m’ dheadh laoch air bheirtibh, Ged tha mi a’m’ sheann laoch ’s an là so. An latha do ’n deachaidh leinn, Eamhar Aluinn an fhuilt ghrinn, Nighean bu gheal làmhach glaic, Leannan a’ choigrich Cormaig. Ghluais sinn gu saoi Locha-léig, An da fhear dheug a b’ fhearr fo ’n ghréin; Ge b’e a dh’ fhidreadh ar rùn, Romhainn bu theichmheach droch cù. Dh’ fhàiltich an sin Brian mac Luathair, Do ’n t-sluagh àluinn, àrd, gheal-ghlacach, Gu nàrach, treòrach, neo-mheata, Nach fhuilingeadh masladh, no tarcuis. Dh’ fharraid e dhinn an glòir bhinn Ciod an turus mu ’n d’ thainig sinn. Caoilte fhreagair air ar ceann: “A dh’ iarraidh do nighinn ortsa.” “Co dha a tha sibh ’g a h-iarraidh?” “Do Oisian uasal mac Fhinn, ’S i mo nèarrachd a gheibh thu, A laoich làidir, long-phortaich.” Labhair Brian, ’s ni ’n dubhairt breug: “Ged bhiodh agam da nighean deug, Aig feobhas do chliù ’san Fheinn, Bhiodh a’ cheud nighean aig Oisian.” Dh’ fhosgladh le Brian an luchairt mhòr, Air a tughadh le clòimh eoin, Is lionadh le meanmnadh sinn uile, Ag amharc Eamhair a’ chas-fhuilt bhuidhe. An uair a chunnaic Eamhar fhiall, Oisian mac Fhinn, flath nam Fiann, Thug an righ-bhean a b’ àille dreach Gaol a h-anama do ’n deadh mhac. Gu ’n d’ ghluais sinn uile gu Druim-da-thorc, ’S bha Cormaig romhainn ’na Long-phort, ’G ar feitheamh le sluagh calama, dàna, Mor chuideachd de laoich Fianntaidh-phàile. Sluagh Chormaig gu ’n do chasaid Ruinne air an t-sliabh mar lasair; Ochdfhear bha aig Cormaig cruinn; B’ ionnan an gniomh ’s bu mhòr an colg: Mac Cholla is Doirre nan creuchd, Mac Thosgair threin, agus Taog; Freasdal buadhach mac an righ; Daighre nan gniomh bu mhòr àdh; Daol a bha crodha air an leirg, Is bratach Chormaig threin ’na laimh. Ochdfhear bha aig Oisian treun, Ionnan ’s a’ chath gharg ’g a dhion, Mullach, mac Scein, agus Fiall, Is Guillich fìor, saoi nam Fiann. Faolann, agus Carshuil cas, Dubh mhac Bhaoisge, nior tais colg, Toscar an tùs triath nan lann, ’Chaidh fo ’n chrann air ceann fhear-bolg. Thachair Toscar ’s thachair Daol, Taobh ri taobh an lathair an t-sluaigh; Bha comhrag an dà churaidh threun’ Mar gu ’n dòirteadh gaoth a’ chuain. Bu chomhrag dà leoghain sin, ’S cha ’n iarradh iad sgian gu fuil; Ged bu mhath dion sgiath nam fear, Bha ceò mu ’n rosgaibh de ’m fuil. Fhreagradh mac-talla fuaim an sgiath, ’S gach eun theich do ’n iarmailt suas; Bha fuaim an lann mar thorunn Eit-ghleann, Is chriothnaich na sleibhtean mu ’n cuairt dhaibh. Chaidh an sleaghan cruaidh a spealtadh, ’S bha srann an anail mar ghaoth àrd-bheann; Bha ar seann-laoich is gach òg-bhean Glé thùrsach ’s a’ ghniomh bu ghàbhaidh. Chuimhnich Toscar air an sgian, Arm bu mhiann leis an fhear mhath, Is chuir e naoi guin an taobh Dhaoil, Sealan beag mu ’n d’ chlaon an cath. Bha comhrag air borbadh an t-sluaigh, Mar fhuaim ùird le dearnaibh lamh, Ag iarraidh gu Oisian gach uair ’S a’ chath bhuadhach ’thug a lamh. Do sgoilt Oisian air an t-sliabh, Caogad sgiath gu Cormaig cruaidh, Is do bhrist Cormaig mac Airt, Caogad lann glas air mo dhruim. Thug mi ’n ceann de Chormaig treun Air an t-sliabh air an do throid; Is ghluais mi gu flath nam Fiann Is an ceann a’ m’ laimh air ’fholt. Thug mi Eamhar gu teach an righ; Bu shaoibhir am fleadh is ceòl; Is fhuair i di-bheath’ agus mùirn O m’ athair fein mar bu nòs. Thoisich Ullinn ’s na bàird ri seirm, Ag innseadh mo threubhadh ’s a’ ghleachd; Ag aithris gu ’n robh mo thartair, An àm a bhith ’spealtadh nan sgiath, Mar shruth Laoire an àm reothairt, No mar dhealanach ’s na neulaibh, No cosmhuil ri spiorad Lòda, A’ teicheadh ’s an doinnionn eitidh; No mar mhaoim sleibhe le faonach, ’S a’ stoirm a’ toirt chraobh as am freumhaibh, Thuirt iad gu ’n robh spionnadh mo laimhe Mar dharaig aosd’ ann am Morbheinn. Is cruadhas mo lann ’s mo lùireach Mar chreig Loch-léig’ ’s tonn dian ’ga bualadh; ’S gu’n d’ chriothnaich an tulach fo m’ chasan, Is gu ’n do thog mi fonn catha, Air seann laoich ana-fhann, ’S gu ’m b’ onair do ’n Fheinn ’s do Eamhar Cruaidh-chath Oisein an aghaidh Chormaig. Dh’ éisd m’ athair ri cliù nam bàrd, ’S rinn Eamhar gàir’ ri cliù a treun-laoich; ’S gach aon a bha ann an tùr Sheallama, Thug urram do Oisian ’s d’a cheud-bhean: Ach Conan maol mac Morna, B’ aill leis an fholachd a dhùsgadh, ’S cheangail Iulinn a bhràthair fein e, Gu daor, docrach, ’s thilg e ’n cùil e. Is e dh’ òrdaich m’ athair uasal A chuibhreach fhuasgladh de Chonan, Is fhuair e an t-slige tri uairean, Is dh’ òl e di-bheatha do Eamhair. Ge b’e dh’ innseadh dhomhsa an sin, An oidhche ud an tùr nam flath, An t-eas-urram a fhuair mi a nochd, Gu ’m faigheadh e olc o m’ laimh. [TD 207] [Vol. 11. No. 26. p. 7] Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. . EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c. ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO. Ard-Oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. ORAN. LE IAIN MAC DHOMHNAILL MHIC ALASDAIR. Dh’ éirich mise maduinn chiùin ’S gun d’ thog sinn siùil ri garbh-chroinn, Chunn’cas dùbhradh mor is dùdlachd ’N dara taobh nuair dh’ fhalbh sinn. ’S gun d’ sheid i bras le borb-thuinn chas, ’S i tighinn a mach gu gailbheach, ’S i ruith le sugh air bhàrr gach stùchd, Ri togail smùid ’san fhairge. Bu mhath bhi nuair sin ’n coire luachrach Shuas aig àiridh Uige, Far ’m biodh na h-uain ’s na caoraich luaineach ’Ruith mu ’n cuairt gu siubhleach; Mi fhin ’s mo chruinneag ri mo ghualainn ’S deamhais chruadhach dùinte aic’; Gach fear is gille ruith mu ’n cuairt, ’S bhiodh Domhnall Ruadh le ’chù ann. Sud an gleann a’s bòidhche sealladh Ann a maduinn reòta, Le caoraich gheala, dhubh, is ghlasa, Cuid dhiu tarr-fhionn, bròcach, ’S bidh làir le searrach ’m bun gach bealaich Suas ri srath nan lòintean. ’S a dh’ aindeoin gaillionn no fuachd earraich Cha ’n iarr mart ann cròdhadh. ’S iomadh caileag chuimir ghuanach ’Th’ ann ri uallach spréidhe, Le cuman ’s buarach dol do ’n bhuaile ’S laoigh mu ’n cuairt d’ i’ geumnaich. B’ e ’n ceol nach b’ fhuathach leam an duanag ’S iad a luadh air cléithe, ’S mi-fhin mu ’n cuairt daibh ’s piob ri ’m ghualainn, ’Cluich nan nuallan éibhinn. ’S iomadh caileag bhòidheach, chuimir ’Th’ ann, na ’n suidh’ aig cuibhle, Sniomh nan rolag, seinn nan luinneag— Bidh gach iorram bhinn ac’; An snàth ’s bòidhche falbh bho ’m meòirean Cothrom, còmhnard, sìnte; ’S am falt na chuaich air chùl an cluais, ’S e togte suas, is cìr ann. ’S ann leam bu deonach bhith ’sa chòmhlan Madainn bhòidheach chéitein, Ag éisdeachd comhradh nam ban òg’ Toirt stòireanan d’a chéile; Gach té toirt barr air té air bhòidhch’, ’S iad modhail, eòlach, spéiseil, Le cleoca gorm’ ’s le ’n coileir dearg’, Nuair bhiodh iad falbh do ’n Leughadh. A chial ’s a nàir! b’ e ’m biadh ’s am blàths A bhith nur càirdeas daonnan, Ri mire ’s mànran cridheach, gàireach; B’e sud gnàths mo dhaoine. Nan tachradh té dhibh bhith ’san àth’ Air oidhche Mhàrt na h-aonar, Gun loisgte pàirt oirre de ’n ghràn Le gille bàn Beinn Mhaoineis. Nuair bha mi òg, mu ’n d’ rinn mi pòsadh, Bha mi gòrach, aotrom Falbh gu sporsail ’measg nan òighean; Sud an seòl bu chaomh leam. ’S an té bhiodh còir ’s a bheireadh pòg dhomh Shuidhinn stòld’ ri taobh-se; ’S o’n té nach fuilingeadh ball na còir dhiom Gheibhinn dòrn mu ’n aodann. Nuair thig an geamhradh ’s àm nam bainnsean Gheibh sinn dram bho ’n Toiseachd; Bidh nollaig chridheil aig cloinn-nighean ’S aig na gillean òga; Bidh mnathan féin ann subhach, éibhinn, ’S iad ag gleusadh oran, ’S bidh dram aig bodaich anns an fhodar ’Sogan orra comhradh. Gheibhteadh sgialachdan ro bhriagh’ Aig bodaich liatha, cheanna-ghlas, B’ iad sud na seoid nuair bha iad og Gu iomairt bhò feadh gharbhlach, Gu ’m biodh iad tric ’san Eaglais-Bhric Ag iomain chruidh feadh gharbh-chrioch, ’S cha rachadh bròg a chur mu ’n spòig Gu ruigte an ceo o ’n d’ fhalbh iad. Iain ’ic Thearlaich far do làmh, Tha sinne càirdeil daonnan; Tha thusa fàs is mise cràmh, ’S mo cheann cho bàn ri faoileig. Bu mhor an toileachadh do phàisde Gheibheadh blath ri taobh thu; ’S nuair thig an geamhradh bidh tu ’n sàs Aig nighinn bhàn Mhic Mhaoilein. ’S iomadh oidhche fhliuch is fhuar A ghabh mi suas an t-àrd-chnoc A shealltainn air a chaileig ghuanaich Da ’n robh na gruaidhean nàrach. Olc no math le luchd ar tuaileis, A luaidh, gus mi ga t’ fhàgail, Phòs mi ’n sin thu ’s thug mi uath thu, ’S bha sud cruaidh le Pàdruig. Fhir a shiubhleas gu mo dhùthaich— ’S ann a Uig a dh’ fhalbh mi— Thoir beannachd dùbailte ga ’n ionnsuigh Chosdas crùintean airgid; Is can ri seochd a th’ anns a Chùil, An co-dhùnadh mo sheanachais, Gur barail leam gum faic mi ghnùis Mu ’n teid an ùir air Armchul. Rugadh Iain Domhnullach, Iain mac Dhòmhnaill mhic Alasdair, ann an Uig san Eilein Sgitheanach, mu ’n bhliadhna 1797. Bha e beagan bhliadhnachan ’san Reiseamaid Duibh. Cha robh ’athar deònach e a bhith ’san arm, agus cheannaich e as e. An déigh an t-arm fhàgail thainig e air ais do Ghleann Uige. Thug e fichead samhradh ’s a h-ochd aig iasgach an sgadain. Bhiodh e aig an taigh ’sa gheamhradh. ’S ann aig an iasgach a bha e nuair a rinn e’n t-òran so. Chaochail e ’sa bhliadhna 1875. Rinneadh iomadh òran leis, ach ’s e ’s dòcha nach gabh iad faighinn an diugh. CUMHA Do dh-Eoghan Mac-Lachainn, a chaochail ’sa bhliadhna 1822. LEIS AN URR. IAIN MAC-AN-T-SAOIR, LL. D. ’S mi ’siubhal fo dhubhar a Mhill ’Tha ’sgàileadh na Cill so shuas, Tha m’ aigneadh trom, osnachail, tìom, ’S mo shòlas cha till ri luaths. Tha mulad, tha mulad gam chràdh Bhon chàireadhd tu ’n tàmh nan leac, A chaoimhich ’bu dealasaich gràdh, ’Mhic-Lachainn nan dàn lan beachd. Mo chreach! ged a b’ òirdheirc do ghnàths, Ge b’ iomadach t’ àireamh bhuadh, Gum b’ eudar dhuit striochdadh do’n bhàs, Is laighe ’n caol-thàmh na h-uaigh’. Mo leon gun do strìochd thu cho tràth, Mo bhròn gun do thàmh cho luath! Dh’ fhàg so sinn fo airtneal ’s fo phràmh, ’S fo smalan ’san Airde Tuath. Gun dug thu lom-sgriob oirnn, a Bhàis, A dh’ fhàg sinn gu cràiteach, bochd, Ar n-ùr-choill, an àilleachd a fàis, A rùsgadh bho bhàrr gu stoc. Gun d’ fhàg thu Lochabar fo bhròn, Cha leighis ar leòin ri luaths; Gur geur so a chneidh a laigh oirnn Bhon mheath thu ar dòchas bhuainn. Gun d’ spuinn thu bhuainn tuigsear nan teud, A rianadh an t-séis le dòigh; Ard-iulair na fileachd ’s gach seud ’Bha ’n ealaidh na Gréig ’s na Ròimh. Fear-eòlais gach cainnt am measg sluaigh. Sàr thuigsear gach buaidh fo ’n ghréin, Sàr ghliocair gach rùnachd ’tha shuas ’Feadh chian-imeachd cuairt nan speur. An t-Abrach, Mac-Lachainn nan dàn, An Gàidheal a’s àirde cliù; A bha de gach nàisinneachd làn, ’S a dh’ fhòghlum gach gnàths a b’ fhiù. Bu mhilis do chòmhradh ’s do cheòl, ’S gum b’ fhileanta glòir do bhéil; Co ’n nis ’chuireas ranntachd air seòl, Mo nuar! bho nach beò thu-féin? Tha filidh nan Aimsir gun lùth, Air breothadh ’san ùir bho chian; Cha dearrs gath na gréin’ air a shùil, ’S tha spiorad a chiùil gun mhiann. [TD 208] [Vol. 11. No. 26. p. 8] Thig earrach, thig samhradh mu ’n cuairt, ’S thig foghar nan sguab nan déidh, Thig geamhradh le ghailbhinnean fuar’,— Ach co ’rannas duan gan seinn? Ach nochdaidh an t-earrach, na ’thràth, Gu bheil e am bàigh do ’n t-seòd, Oir sgaoilidh e ’ghorm-fhalluinn àigh, Gu driuchdach, trom, tlàth air ’fhòid. ’S an samhradh le dhìtheanan snuagh Ni cionthar mu bhruaich do theach; ’S na dhéidh thig am foghar fo ghruaim A sgeadachadh t’ uaigh le dreach. ’S ge colgach, neo-bhàigheil dubh-ghruaim A gheamhraidh neo-thruacant’, ghnùth, Gun siubhail e ’g osnaich mu d’ thuam, A sileadh nam fuar fhras dlùth. Tha mulad, tha mulad gam chràdh Bhon chàireadh tu ’n tàmh nan leac, A chaoimhich ’bu dealasaich gràdh, ’Mhic-Lachainn nan dàn lan beachd. ORAN. LE TORMAID MAC-NEACAIL. LUINNEAG. ’S gann gun dìrich mi ’chaoidh ’Dh-ionnsuigh frìthean a mhunadh; ’S gann gun dìrich mi ’chaoidh. Fhuair mi litir a Duneideann ’G ràdh nach feud mi dhol do ’n mhunadh. Pàdruig Mor aig Ceann Lochd-Aoinard, Rinn e ’n fhoill ’s cha d’ rinn e buinnig. Tha mo ghunna caol air meirgeadh, ’S cha ’n fhaod mi a dhearbhadh tuilleadh. Tha e ’n crochadh air na tàirngean, ’S cha do thoill e ’àite fuirich. ’S iomadh latha sgìth a bha mi ’M shuidhe leis, ’s e làn, air tulaich; Gabhail seallaidh air na sléibhtean, Far am bi na féidh a fuireach. Far am biodh an làn-damh brùit’ Nuair rachainn-sa le m’ rùn air m’ uilinn. ’S tric a mharbh mi fiadh àrd bheann Air na glìnn a b’ àille culaidh. Ach on dh’ fhàs an lagh cho làidir, ’S fearr bhith sàbhailt o gach cunnart. Nan robh crodh againn air buaile, Dh’ fhaodainn luaithe ’chur a gunna. Ach an nis is feudar strìochdadh; ’S fear gun chiall a theid an cunnart. Fhuair mi rabhadh bho na h-uaislean, Gun mi ghluasad le mo ghunna. ’S iomadh latha bha sinn còmhla, Is mo làmh gu fòil mu mhuineal. Bhon a chiad la fhuair mi còir air, B’ e mo shòlas is mo chuideachd. Fàgaidh mi an nis an tir so Cha’n fhaigh m’inntinn sìth innt’ tuilleadh. Bheir mi ruaig gu còrs’ nan Innsean Feuch an dean mi-fhìn am buinnig. Cha ’n fhaic Pàdruig mi air fàireadh, ’S cha ruig stàirneach chruaidh mo ghunn’ e Phos Domhnall Mor Mac-Neacail an Sgorrabreac Mairearad, nighean Thormaid Dhomhnullaich an Sgalpa, agus bha seachdnar chloinne aige rithe, Calum, Siusaidh, Seonaid, Tormaid, Lecsi, Iain agus Seoras. Bha Calum san arm. Thainig Tormaid, Iain agus Seoras do Mhearamasi an New Brunswick, ach chaidh iad as a sin do dh-Astràlitha. Rugadh Tormaid mu ’n bhliadhna 1798. Bha e measail air bhith a sealgaireachd ’s ag iasgach. Bha e na dhuine làidir, tapaidh, agus na shnàmhaiche comharraichte. Chaidh a bhàthadh an Astràlitha. Bha brathair mathar Thormaid na fhear-lagha an Duneideann. Chuir e litir gu Tormaid ag innse dha gun robh e ga chur fhéin ann an cunnart le bhith a marbhadh nam fiadh agus a sparradh air sgur de ’n t-sealgaireachd. ORAN AN RODAIN. LE NIALL RUADH MOR. A rodain mhosaich, spiorralaich, ’S tu criomadh mo chuid bhrògan, Nach doir thu sios am muileann ort, Far minic bha thu còmhnuidh; A fuireach anns an àite so Am freasdal trash, is càtha ann: Sud far am biodh tu sabhailte ’S nach fàilligeadh do lòn ort. Chuireadh na mo sheasamh mi Air eagal feadh na h-oidhche, ’Nuair thainig thusa stàireachd ’San aite ’n robh mi ’m shìneadh; Bha mo chòta bearnach orm, Beag ioghnadh gu ’n do shàbhaladh Gun sgaiteadh do chuid chlàragan, ’S gu ’n sàbhadh tu leò déile. Cha robh càil a dh’ iomall agam A b’ urrainn dutsa falbh leis: Bìdeag de bhloigh coinneil, A’ mhin a bha ’sa bhalg agam; Ach ma ghoid thu ’gheir orm, Gu ’n do dh’ fhàg thu gun soilleireachd; Na ’m bithinns’ ort air beireachdainn Bha coinnean teith ri t-earball. A rodain mhosaich, mhollaichte, Grad sheachainn mi gu siorruidh, ’S toirmeasg thu na ragaireachd, ’S tu rag-mheairleach na Criosdachd; Tha casag fhada, lachdann ort, Stiup gu slìobadh chraiceannan— Cha ’n ’eil cail a thachras riut Nach cagainn thu fo d’ fhiacail. Tha cloitein grànda, lachdann ort, Tha aodann cairtidh, fearaghaidh, Tha sròn a choin gu puntaireachd, ’S e trusdaireachd is ainm dhut, Do dha shùil bheaga, sgionnalach, Tha iad cho math gu furachail, ’S fiaclan ’s miosa cumadh A b’ urrainn dhol an carbad. ’S gur math a ni thu eacarsaich Le paidhir phlatan spàgach, Tha iongnan fada, crom’ agad Gu tolladh gach ni thàrras tu; Bidh tu falbh is stiùpan ort Ag ialaidh feadh na cùilean sin, Ma thionndas mi mo chùlaobh riut Gu ’n toir thu cùis bhar plàta. A rìgh! gur seangach, lachdann thu Gu tàrsail as gun mharbhadh; Gur h-olc an àm an fhoghair thu Gu cladhach am measg arbhair: Cha ’n fhag thu cruach gun tolladh aca, ’S ghearradh tu na ballaichean, Bu mhath gu deanamh loman thu, ’S droch coinneamh air do charbad! Cha ’n ’eil bean bhochd ’san dùthaich Nach dùraigeadh do mharbhadh, Cha ’n ’eil càil a chruinnicheas iad. A mhin no dh’ ìm air falbhan, Bidh thusa, ’bhiasd, ga chaitsigeadh, Cha ’n fhag thu balg gun sracadh, Sud a cheaird a chleachdadh leat,— ’S tu rag-mheairleach an armadh. Bha Niall Mac-a-Bhiocair, Niall ruadh mór, na ’chadal ann an àtha, far an biodh iad a’ cruadhachadh gràn, an uair a dhùsgadh e leis an rodan. Tha e air a radh ma dh’ aoirear na rodain gu ’n teich iad, rud a rinn Niall ruadh. B’ ann air an oidhche a bha e ’g obair. Rugadh e ann an Uidhist mu thuath. Thainig e do Cheap Breatunn, agus bha e ’fuireach ann an Catalone, far an do chaochail e o chionn leth-cheud bliadhna air ais. Fhuair mi an t-òran so o dhuine còir, gasda, a tha fuireach pios am mach a baile Ghlace Bay—Iain Domhnullach, Iain mac Alasdair ’ic Dhomhuill ’ic Thormaid. Thug e dhomh mar an ceudna “Oran nam bodach,” agus tha mi ’deanamh dheth gu ’n toir e dhomh feadhainn fhathast de dh’ orain Nèill ruaidh. Tha cuimhne mhath aige. Ma chòrdas an t-oran so riut fhein cuiridh mi “Oran nam bodach” ugad an ùine gun bhith fada. PEIGIDH PHABACH. Lag an t-Slòcain. The Canadian Bank of Commerce RIS AM BHEIL AIR AONADH THE HALIFAX BANKING COMPANY. Earras Paidhte $8,700,000 Airgiod Taimh 2,500,000 ARD OFIS, TORONTO. AN T-ONORACH DEORSA A. COX, B. E. WALKER, Ceann-Suidhe. Ard Mhanager. Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60 Lombard St., E. C. S. CAMERON ALEXANDER, Manager Ofis an NEW YORK aig 16 Exchange Place, WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents. Tha ceud is ceithir meur dhe’n Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach. HALIFAX, H. N. Wallace, Manager. Amherst Antigonish Barrington Bridgewater Canning Lockeport Lunenburg Middleton New Glasgow Parrsboro Sackville St. John Shelburne Springhill Sydney Truro Windsor Gach seorsa gnothuch banca. Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach. Gheibhear Litrichean Creideas de ’m faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhe ’n t-saoghal. BANCA CAOMHNAIDH. Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhe ’n bhanca. Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar. Meur ann an Sidni. P. C. STEVENSON, Manager. ANNS AN STOR UR LE STOC MOR DE DH’ Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE air Sraid Shearlot. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. [Dealbh] Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager. SYDNEY & LOUISBURG R’Y. TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’ Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bay aig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m. A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bay aig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m. A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bay aig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m. A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bay aig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager. Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Tri Miosan, .30 Sia Miosan, .50 Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1.26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton.