[TD 1] [Vol. 7. No. 1. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 8, 1898. NO. 1. A MHAIGHDEANN-MHARA. ’S iomadh sgeul iongantach a b’ àbhaist a bhi air aithris ann an Gàidhealtachd Alba anns na làithean a dh’ fhalbh. Bha na h-oidhcheannan fada geamhraidh gu minic air an cur seachad ag éisdeachd ris na seanachaidhean aig an robh an cinn làn de gach seòrsa sgeòil agus eachdraidh, agus aig an robh mor thlachd ann a bhi ga ’n aithris do luchd na céilidh. Tha ’n sgeul a leanas air a thoirt o Bheurla. Thorcuill Mhic Leoid:— Thachair ni iongantach an eilean Cholasa, uair no uaireigin, ma ’s fior an sgeul—eilean àluinn Cholasa, far ’n do bheannaich Calum-Cille an sluagh agus am fónn; eilean na sith agus a chiùil, far an seinn na maighdeinn-mhara am fónn is milse, aig oir a’ chuain mar theid thu air d’ aghaidh an garbhlach a chladaich gu eilean Orasa, far ’n do stad Oran a bha ’na aon de chompanach Chalum-Chille. Faodaidh tu uair air bith, ma theid thu sios na creagan air feasgar ciùin samhraidh, òran tiamhaidh na maighdeinn-mhara a chluinntinn, ’nuair tha i tighinn a nios as an uisge le fàileadh taitneach na feamainn mu ’n cuairt d’ i. Chaidh corr ’us aon fhear de dhaoine òga Sgallasaig air an t-sligh ud a dh’ éisdeachd ri ceòl na maighdeinn-mhara; ach cha robh e ’n dàn do aon diu tighinn air ais gu bràth tuille a thoirt sgeul air na chunnaic no na chuala iad. Mo chreach! gheibhear dream anns gach àite dalma gu leòr gu dùbhlan a thoirt do chumhachd neo-thalmhaidh. Arsa Alasdair Trom, “Theid mise a null na creagan feasgar samhraidh air chor-eiginn a labhairt ris a’ mhaighdeann-mhara.” ’S ann mar sin a bha. Air feasgar ciùin samhraidh anns a ghlòmain thog e air. Chluinneadh tu guth nan eun-mara ’tighinn thar an uisge mar ghair’ cloinne ri cluich, ach cha chuala Alasdair ni dhe sud. Bha e gluasad le ceum mall a measg nan clach a bha fliuch, sleamhuinn le tiurr na mara; ’s mar bha e dol air aghaidh bha e ’g radh ris fhéin: “Labhraidh mise ris a mhaighdeann-mhara ’s mi a labhras, agus sin air an oidhche so. Carson a bhiodh eagal air duine labhairt ri maighdeann-mhara? Is iomadh maighdeann-tire ris na labhair mise agus bu taitneach leo éisdeachd rium.” Bha dùil aig Alasdair gu ’n robh e féin anabarrach seòlta ann a bhi faighinn dlùth do ’n chloinn-nighinn; ach bha Alasdair gòrach agus car beachdail air fhéin, agus fhuair e sin a mach an oidhche ud. Cha ’n e gniomh duine glic a dhol a shuiridhe air maighdeann-mhara; bha Alasdair Trom aimideach an oidhche ud. ’Nuair thainig e thun na rinne, far am faic thu creagan Orasa, stad is dh’ éisd e, oir shaoil leis gu ’n cual e seinn coltach ri guth mnatha—fonn fada, tiamhaidh. “’S e mhaighdeann-mhara a th’ ann, a seinn,” ars esan. Agus shuidh e air creig agus rinn e gaire; ’s e bha gòrach! An sin gu h-athaiseach, ioghnadh nan ioghnadh, thainig a nuas as a mhuir maighdeann-mhara ni b’ àille na cruth ’s na dreach na aon mhaighdeann air ’n do leag Alasdair riamh a shùil an eilean Cholasa, ged ’s iomadh òg-bhean dhreachmhor a fhuair a h-arach ann. Cho luath ’s a chunnaic e i chaidh e am breislich; chuir a da shùil ghorma, air dhreach a chuain, fo gheasaibh e. Cha b’ urrainn e focal a labhairt ged bu bhòsdail e air son luaths a theanga. Bha ’falt tlath air dhreach an òir a’ tuiteam sios m’a guaillibh ’na dhualaibh trom, agus air iomain a null agus a nall le gluasad na mora. Bha a sùilean gorm mar ghuirmad a chuain fo ghrian an t-samhraidh. Bha i air a còmhdach le sròl-eudach cho caol ri lion an damhan-alluidh, air dhath uaine. Cha robh gun chòmhdach ach a h-uchd, a muineal agus a da ghàirdean, a bha cho geal ri sneachda na h-aon oidhche. Cha b’ urrainn e a shùil a thogail dhith; bha e fo gheasaibh. Dh’ fheuch e ri a cheann a thionndadh mu ’n cuairt, ach cha b’ urrainn e. Chum a mhaighdeann-mhara a sùil air agus fiamh gàire air a gnùis le leithid do bhuidseachd ’s nach facas a leithid air gnùis mnatha riamh roimhe. An dràsd agus a rithist chitheadh tu ’n t-uisge a’ gluasad agus earball uaine, lannach air chumadh earball eisg, a tighinn am follais. Bha ’seun a tromachadh air Alasdair. An sin labhair i, agus aig fuaim a gutha thòisich e air criothnachadh agus air gluasad le fiamh na shùil a bha muladach ri fhaicinn. Chuir a guth gaoir tro ’chom air dhòigh ’s gu ’n mhiannaich e glaodhaich a mach, ach cha b’ urrainn e. So mar a labhair i, agus seun ghaoil a chuain na guth. (Labhair i an deadh Ghàidhlig an eilean).—“Oh! a dhuine aimidich, a bha ’n dùil gu ’n talaidheadh tu ’mhaighdeann-mhara mar a dheanadh tu air aon de mhnathan na tire. Ha! ha! ha! Siuthad, ma tha, Alasdair! thig a nise agus labhair rium anns an dòigh iongantaich sin leis an robh thu a mealadh na nighinn. Cha ’n eil thu ’toirt freagairt! Cha ’n eil! cha’n urrainn thu! Ha! ha! Am bheil thu fo gheasaibh Alasdair Thruim! Thig mo dhuine math, thig gu talla ’chuain far ’bheil a mhaighdeann-mhara ’gabhail còmhnuidh. Fàg mnathan Cholasa agus gabh còmhnuidh maille riumsa, riumsa, riumsa! Thig Alasdair, thig! An sud is leams’ thu, ’s leams’ thu,—gu bràth!” Dh’ éirich e mar neach ’an aisling agus ghabh e air aghart gu mall na còthail, a dol sios do ’n uisge. Chriothnaich e; thug e oidhirp chruaidh air tilleadh, ach cha b’ urrainn e; bha sùil na maighdeann-mhara air. Bha tuainealaich ’na cheann leis a ghaol mhara a bha na chom ’s na chridhe. Lean i air smèideadh le ’laimh ’s fiamh gàire oirre. ’Se chrioch a bh’ ann do dh’ Alasdair! Ruith e le dian-chaothach do ’n mhuir, ’s bha gàirdeanan na maighdinn-mara m’a thimchioll ’ga ghlacadh le greim cho teann ’s gu ’n deach e ann an neul. Ghiùlan i leatha e sios, sios fo na tuinn, air falbh gu bràth o sholus na gréine, a dh’ ionnsaidh talla fionnar, uaine nam maighdeannan-mara, as nach till duine theid ann gu bràth tuille. CLAMBAR NA H-AIRDE ’N EAR. Is e sean rioghachd da rireadh, a tha ann an China. A reir beachd nan daoine ’tha ’tuineachadh anns an dùthaich iomraiteach ud, is e rioghachd sean, aosmhor, fad o chian a tha ann an China. Thog iad balla, ard, laidir anns na linntean a tha fada air chul, airson nan treubhan borba, iargalt ’chumail air falbh. Cha robh, anns na linntean ud, gunnachan mora, laidir agus lionmhor ann. B’e beachd nan daoine ’thog am balla daingeann ud, nach bitheadh e comasach do fhine air bith, ged bhitheadh iad gaisgeil, treubhach, streap thar a bhalla ’s olc ’us uprait a thabhairt a stigh do China. Gu cinnteach, tha prois eagalach am measg nan Chineasach. Tha iad a’ saoilsinn gur iad fein da rireadh, an rioghachd neamhaidh, air an talamh; agus air an aobhar so, gu faod iad amharc sios le spid ’us tair air gach fine ’s rioghachd eile ’tha an diugh air an talamh. Mac Neimh no na Flath-innis: is e so an t-ainm sonruichte a bhuineas do Iompaire China. Faodaidh e ’bhi na dhuine suarach, bochd, gun ionnsachadh no toinisg air bith; gidheadh, tha e fein agus ’iochdarain a’ creidsinn gur e Mac Neimh a tha ann, agus mar so nach fhaod neach air bith a ghnuis fhaicinn no comhluadar a ghleidheadh ris. Feumar aideachadh gu bheil na Chineasaich innleachdach agus tapaidh air iomadh doigh. Is e dùthaich anabarrach beartach a tha ann an China. Is i Breatunn a cheud dùthaich cumhachdach a fhuair seasamh no fardach ann an China. Ged tha sluagh gun aireamh anns an tir so, cha ’n eil gaisge, no cruadal, no treubhantas air bith air an nochdadh leo. Ged bha cinnte aig an t-saoghal gu leir nach robh ach riaghladh breoite, bochd ann an China ’s gu robh na Chineasaich gealtach, neo-ghaisgeil ann an stri nan lann; cha robh fios muladach air feadh nan tirean gu robh China co lag, sgathach, truagh ’s a tha i, gus an robh cogadh eadar i fein agus Iapan bho cheann bliadhna no dha. Is e daoine mearganta, easguidh, ladarna, deothasach a tha anns na Iapanaich. Thug iad buaidh anns gach blar air China; ’s nam faigheadh iad an toil fein, ruigeadh iad Pecin, agus chuireadh iad crìoch gu brath air ughdarras Mhic Neimh a tha ’n an Iompairean ann an China, ged nach eil annta ach paisdean gun eolas, gun treoir, gun ghliocas, gun fhearalas air bith. Is e Mandaráin, an t-ainm a bhuineas doibhsan a tha ’riaghladh roinnean China le cumhachd an Iompaire. Cha ’n eil duine dileas, onorach, firinneach am measg nam Mandaráin; tha iad breugach, bradach, gun onoir, gun ionracas. Is e iarrtas suidhichte an anma maoin a thrusadh doibh fein le cealg, ’us breugan, ’us ana-ceartas. Is e naimhdean guineach a tha annta do gach coigreach ’us do gach dùthaich a tha toileach maith a dheanamh do China ’s saorsa ’s sonas a thabhairt d’a daoine diblidh, bochda. Fhuair Ruisia le ’cuilbheartan carach, ughdarras mor ann am Pecin, an deigh cogadh [TD 2] [Vol. 7. No. 1. p. 2] nan Iapanaich. Tha moran an diugh ann am Breatunn a tha ’caineadh luchd-riaghlaidh na Ban-righ, agus ag radh gu dalma, neo-sgathach, nach robh Salisbuiridh agus a luchd-comhairle aona chuid duineil, no geur, no treun, anns gach cuis ’us connspoid a bha aca ri Ruisia. Tha na litrichean a bha eadar luchd-riaghlaidh Bhreatuinn ’us luchd-riaghlaidh Ruisia air an clodh-bhualadh, agus tha comas aig gach neach a nis air na litrichean ud a leughadh agus air a chomh-dhunadh fein a tharruing mu dheibhinn an doigh anns an do chum luchd-comhairle Bhreatunn suas onoir ’us coirean, ’us cumhachd an dùthcha fein. Tha Salisbuiridh agus a chompanaich a’ faotainn iomadh buille cruaidh agus iomadh tamailt sgeigeil, bho na daoine ’tha ’n an aghaidh ann an cuisean Bhreatuinn a riaghladh agus a stiuireadh. Fhuair, gun teagamh, Ruisia ’nis greim diongmhalta air Port Arthur, a tha air an loch a tha ’treorachadh gu Pecin, baile mor China, anns am bheil an t-Iompaire, Mac Neimh, agus a luchd-comhairle faoin, mi-onarach, bochd a gabhail comhnuidh. Tha Ruisia daonnan fealltach, breugach, agus cha ’n fhiach a geallaidhean bonn a h-ochd. Tha i co dhiugh na dluth-choimhearsnach ri tri cheud mile do China, agus mar so, tha comas fuasach aice air a lamh laidir, bhradach a sgaoileadh thairis air taobh mu thuath China gu h-iomlan. Tha meas mor aig MAC-TALLA ’s agam fein air an luchd-riaghlaidh comasach, dileas, foghluimte ’tha aig an àm so ’g amharc thairis air cuisean ’us coirean Bhreatuinn anns gach cearna de ’n t-saoghal. Is e iarrtas seasmhach nan daoine glic so, gu bitheadh China air a cumail suas, agus nach faigheadh rioghachd air bith eile coir air bith air cuibhrionn beag no mor de ’n dùthaich bheartach, lionmhor, iongantach so. Is e Dorus fosgailte do China air am bheil Salisbuiridh iarrtuiseach; cothrom na Feinne anns gach malairt us deanadas ’us innleachd—is e so run suidhichte luchd-riaghlaidh Bhreatuinn. Anns gach cearna anns am bheil ughdarras aca, tha iad a’ tabhairt agus a’ tairgseadh nan cothromannan ceudna ann am malairt do gach rioghachd ’us fine eile. On tha Ruisia co fealltach, rinn Breatunn greim air port eile ’tha dluth do Phort Arthur. Is ann dise is aithne daingneach uamhasach a dheanamh de ’n phort so, agus air feachd ’us cabhlach Ruisia ’chumail sios agus ann an eagal gach latha. Le gliocas gasda tha luchd-riaghlaidh Bhreatuinn ’n an cairdean seasmhach do shith agus do sheasgaireachd. Tha iad min-eolach air cia co bruideil, basmhor ’s a tha cogadh a nis, leis gach innleachd marbhaidh ’us gunna mor a tha againn. Seasaidh Breatuinn a coir fein ann an China. Fhuair cuideachd ainmeil, bheartach ann am Breatunn, aonta car tri fichead bliadhna air da cheud gu leth mile de China anns am bheil gual ’us iaruinn ann am pailteas anabarrach agus de ’n t-seorsa is fearr. Tha cuideachd laidir, bheartach eile ’fhuair coir air rathaidean-iaruinn a dheanamh le airgiod Bhreatuinn ann am meadhon China. Co nach aidich gu bheil air an doigh so fein cumhachd mhor aig Breatunn ann an China, ’s gu bi cuibhrionn nach eil gann no suarach aice air feadh nan linn air gach ni, ’s beartas, ’us malairt air am bheil coir aig China. Fhuair Breatunn, mar an ceudna, o cheann beagan laithean coir air moran fearainn a tha air an taobh mu dheas de Hong-Cong. Tha i ’nis tearuinte bho gach cearna ’s namhaid, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach gu tabhair i aire ghasda, neo-sgathach d’a malairt ’s d’a gnothuichean fein am measg rioghachdan an t-saoghail. Tha daoine China ’faicinn gu soilleir gu bheil Breatunn onorach, laghach, firinneach. Bitheadh Breatunn daonnan caoimhneil, ceart, uasal agus onorach: is e so guidhe dhurachdach MHIC-TALLA ’s mo ghuidhe fein. CONA. CRIOSD A’ CIUINEACHADH NA FAIRGE. “Rachamaid thairis,” arsa Criosd r’a dheisciobluibh, “air muir Ghalile;” agus, air ball, thug iad leo esan anns an luing mar a bha e, agus bha longa beaga eile maille ris mar an ceudna. An do shnàmh long riamh air cuan anns an robh luchd co prìseil? An do chuireadh urram co mòr riamh air muir Ghalile, no air aona mhuir eile? Dh’fhàg na loingeis bheaga an tràigh. Bha fè ann agus ciùine ’nuair thog iad na siùil agus chuir iad fo sgaoil; ach cha b’ fhada bha iad air falbh ’nuair shéid a’ ghaoth agus thòisich an stoirm. Is tric tha so a’ tachairt, is lìonmhor iad tha a’ togail o thìr le dòchais àrda, nach ’eil fada o chladach an òige, ’nuair tha neòil dhubha, dhorcha, a’ cruinneachadh, a’ mhuir ag at, a’ ghaoth a’ séideadh, agus ànradh a’ dlùthachadh air gach làimh. Mar so thachair do na deisciobluibh. “Dh’ éirich doinionn mhòr ghaoithe, agus leum na tonnan a steach do’n luing, air chor as gu’n robh i nis làn.” Ghlac sgìos an nàduir-dhaonna Criosd, agus ghéill uachdaran nàduir, car tamuill, do lagh agus do chumhachd nàduir. Bha e ann an deireadh na luinge, agus thuit e ’na shuain. Ged bhu esan ’na Dhia, bha e, mar an ceudna, ’na dhuine agus ’na nàdur daonna bha laigse nàduir fuaighte ris; bha e sgìth, agus ghabh e tàmh ann an deireadh na luinge, bha cluasag fo ’cheann air na clàraibh daraich, agus gun fhasgadh os a cheann ach na speuran dorcha duaichni. Cha robh e fada ’na thàmh ’nuair a thàinig an oidhche, agus an cois na h-oidhche bha dorchadas, agus an cois an dorchadais bha an doinionn mhòr. Tha na neòil air an riasladh as a chéile, tha’n dealanach a mach, tha fuaim an tàirneanaich oillteil, thòisich an dìle mhòr, bha na tonnan a steach san luing air chor ’s gu’n robh i nis làn, bha cridheachan nan deisciobul fo bhuaireas, gun fhios ciod a dheanadh iad, no cia mar thigeadh iad as. Bha iad an impis céill a thoirt, agus ’na lorg sin an impis dol fodha, ’nuair a chuimhnich iad gu’n robh Criosd, am maighstir, san luing. Ghreas iad far an robh e. Feuch! sin e ’na shìneadh air clàr na luinge ’na shuain. Cha robh e ann an suain ni bu shàmhaiche ’na naoidhean ann an uchd Muire, na bha e nis ann an àirde na stoirm. Cha robh eagal no incheist no agartas coguis san inntinn sin; bha sìth san anam bheannaichte. Am b’ urradh dhuitse tha ’ga leughadh so, cadal san stoirm? Is dàcha nach b’ urradh. Bha Iudas san luing so; tha mi a’ làn-chreidsinn nach b’urradh dhàsan cadal. Far am bheil coguis saor o olc, agus cridhe làn do ghràs Dhé, far am bheil earbsa ann an Dia, tha an cadal sàmhach. An cuimhne leat Iacob? Bha e mach air thurus ’na aonar, thàinig an t-anmoch air fada o thigheadas dhaoine, gidheadh cha robh eagal air-san; ghabh e clach mar cheann adhairt, agus luidh e sìos gu tàmh. Chaidil e ann an sìth. An cuimhne leat Daibhidh a mach air an raon, ’nuair dh’ éirich Absalom suas ann an ceannairc ’na aghaidh, agus ’nuair bha e ann an cunnart a bhi air a mhilleadh agus air a sgrios, thubhairt e— Nach lìonmhor iad, mo naimhde, ’Dhia, ’Sior dhol am meud gach là; Is luchd mo thrioblaid, iomadh iad Ag éiridh rium a ghnàth. B’e so cor Dhaibhidh; ach sheinn e le misnich agus dòchas àrd— Air Dia do ghairm mi fein le m’ ghuth, Dh’éisd as a thulaich naoimh; Luidh, chaidil, agus mhosguil mi, Chùm Dia mi suas gu caomh. An t-abstol Peadar, an oidhche mun robh a mhiann orra a chur gu bas, bha e ’na shuain eadar dà shaighdear; agus ann an suain co tròm, ’s gum b’ eiginn do’n aingeal buille tròm a bhualadh agus coinneal a lasadh mun do dhùisg se e. Bheir Dia tàmh do luchd a ghràidh. Is sona, gu là-bhràth is sona iadsan a dh’ fheudas luidhe sìos anns an anmoch, gun eagal gun imcheist; ’gan tasgaidh féin seachad ann an làmhaibh an Cruith-fhir le dòchas agus earbsa làidir. Air an lìonadh le oillt agus fo uamhas mòr, ghreas na deisciobuil a dh’ ionnsuidh Chriosd, agus thubhairt iad ris, A mhaighstir, nach ’eil suim agad gu’n caillear sinn? O! ’s lìonmhor iad a ghairmeas air Chriosd san stoirm a ta dearmadach air ann an là na cùine. ’S iomad ùrnuigh nìtear ann an àm na doininn, ann an àm na h-éiginn, leòsan a ta caoin-shuarrach mu Chriosd air àmannaibh eile, ann an latha grianach na slàinte agus an aoibhneis. Tha feadhain ann nach gairm air Dia air àm air bith ach fhad ’s a tha a làmh thairis orra, agus an t-slat-sgiùrsaidh san làimh sin. Ciod a’ bharail a bhiodh agad air a’ charaid sin a dheanamh dearmad ort, agus nach tigeadh a’ d’ chòir air àm air bith ach ’nuair a bhiodh iasad no coingheall a dhìth air? Ciod a’ bharail a bhios aig Dia air na h-ùrnuighibh sin a tha air am fàsgadh asaibh le éiginn agus bochduinn? Gidheadh ’s ann le buntuinn mar so a ta Dia a’ treòrachadh dhaoine d’a ionnsuidh féin. Tha e ’gan coinneachadh air tùs anns an fhùirneis air a dearg-theasachadh. ’S e gràdh tha ann am beachd Dhé le gach deuchainn tha e a’ leigeil ’nar caramh. ’Nuair chì mi an t-Athair naomh a’ càramh neach air bith ann an trioblaid, agus a’ leigeil deuchainn air bith na rathad, tha dòchas agam d’a thaobh; ceart mar bheachdaicheas mi air gobhainn, ’nuair chi mi e ’cur gàd iaruinn san teine, tha mi air ball a’ tuigsinn gu bheil e ’dol g’a chur gu feum, a’ dol a dheanamh nì-eigin leis nach b’urradh dha fhad ’s a bha e fuar agus cruaidh. Tha e ’ga chur san teine chum ’oibreachadh gu feum. ’Na thrioblaid ghairm Manaseh air Dia; agus is lionmhor iad air talamh, agus O! ’s lìonmhor iad ann an glòir a’s urrainn a ràdh, ’S maith dhòmhsa gu’n robh mi fo thrioblaid! Thusa ta ’ga leughadh so, innis dhomh ’n do thionndaidh na stoirmean a choinnich thu ’nam beannachadh dhuit, air neo ’nam mallachd? Na chruadhaich no ’n do leagh iad do chridhe? Na dhùisg iad thu chum ùrnuigh, air neo an d’ fhuadaich iad thu ni’s faid’ air falbh o d’ Dhia? ’Bheil thu ri gearan fo d’ dheuchainnibh, no ’bheil thu a’ càramh do chùis fa chomhair an Tighearna? Dhuisg na deisciobuil Criosd, agus chronuich e iad; ach c’arson? An ann chionn gu’n do bhrist iad air a shuain? Tha cùnntas againn air seachd fichead Sasunnach a bh’ann am prìosan cumhann ann an Innsibh na h-aird-an-ear, ann an gainntir dhubh Chalcutta, nach robh ach ochd-troidhe-deug air fad agus air leud, agus gun fhosgladh sam bith ann ach aon toll aimhleathan chum àile fionnar a leigeil a steach, agus so uile fo theas loisgeach na gréne, agus a’ chuid bu mhò do na daoine treuna sin a’ call fola agus air an lot go truagh. Bha fulangais nan daoine so, agus an gearan truagh a rinn iad, co mòr ’s gu’n do ghabh aon do na h-Innseanaich truas diubh, agus chaidh e gu h-iochdmhor chum ceann-feadhna an fheachd d’ am buineadh e, a dh’iarraidh cead na daoine so a theasraiginn. Ach ’an tiota bheag phill e, ag radh, gu’n robh an ceann-feadhna ’na shuain, agus gum bu bhàs dàsan a dhùisgeadh e roi’n àm. Mun do dhùisg esan bhàsaich mòran do na Sasunnaich bhochda; ach cha’n ann mar so dhuitse, Iosa bheannaichte! thusa, Slanuighear an t-saoghail! Cha dean thusa tàir no dì-chuimhn’ air na prìosanaich. Cha’n ’eil do chlus dùinte chum ’s nach éisd thu. Tha osnaichean a’ chridhe bhriste bhrùite, co milis, bhinn leat ri ceileiribh nan aingeal. Chronuich e na deisciobuil, cha b’ann airson a dhùsgadh, ach airson an dìobhail misnich, an gealtachd, an eagail. Bha eagal orra gu’n rachadh iad a dhìth; cha d’ [TD 3] [Vol. 7. No. 1. p. 3] thug iad fainear cò bha maille riu san luing. C’arson a ta sibh eagalach? deir esan, sibhse air bheag creidimh! B’e laigead an creidimh fàth an eagail. Ann an là na doininn tha creidimh làidir feumail, creidimh a dhlù-cheanglas an t-anam ris féin, agus a dhuisgeas gràdh, agus dòchas, agus earbsa ’na gheallaidhnibh. Agus cia mar chronuich e iad? Is dearbh-chinnteach mi gu’n robh barrachd gràidh, agus iochd, agus caomhalachd ’na ghuth agus ’na chainnt na bha do chorruich. B’e cronuchadh caraid thruacantaich, theas-chridheich a bh’ ann, esan aig an robh comh-fhulangas airson an laigse, agus a chuimhnich gum bu duslach a bh’annta. “An sin dh’éirich e, agus chronuich e na gaothan agus an fhairge; agus bha ciùine mhòr ann.” ’S ann an so bha ’n sealladh iongantach! Air leam gu bheil mi ’ga fhaicinn a’ fosgladh a shùilean, ach cha’n ann le clisgeadh no uamhas. Faic e a’ seasamh air clàr-uachdair na luinge, cha’n ann le deifir no fo ghealtachd; faic e ag amharc ’an uchd na gaillinn; agus ciod a thabhairt e? Chronuich e na gaothan agus an fhairge! Dh’ éisd a’ ghaoth, dh’éisd an fhairge; chual’ iad guth an Ti chuir fo ghluasad iad air tùs,—ghéill iad; agus feuch, bha ciùine mhòr ann! Shìolaidh gu grad, mar ann am priobadh na sùl, na gaothan agus an fhairge agus bha ann fè nan eun! Bha ann ciùine mhòr; cha robh fuaim no toirm r’a éisdeachd ach farum sàmhach nan ràmh, torman tròm a’ chuain, agus osnaichean taingeil nan deisciobul. Ghabh na daoine iongantas, agus cha bu neònach ged a ghabh. “Ciod e ghnè dhuine so, ars’ iadsan, “gu bheil na gaotha féin agus an fhairge ùmhal dha.” A leughadair, gabh aire do na chual’ thu agus a liuthad trioblaid agus teinn a thig air an fhìrean chòir,—’s lìonmhor trioblaid ’na theaghlach agus ’na phearsa; dearbhadh Dia e air ioma dòigh, buailidh a shlat gu cruaidh, tuitidh na buillean gu tric, beucaidh na h-uisgeachan gu garbh, agus tonn an déigh tuinne bristidh iad thairis air. C’àit am bheil e ’n sin ri amharc airson sòlais agus cul-taic? C’àit ach ris-san a smachdaich an doinionn agus a’s urrainn gach doinionn eile a smachdachadh mar an ceudna, a’ labhaiat an fhocail. Tosd! agus air ball bidh ciùine mhòr ann. Cha’n ’eil e furasda do’n duine bhi uile gu léir ’na thosd an àm na stoirm, ann an oidhche a bhròin ’an àm na deuchainn. Tha e ceadaichte dhuinn ar gearan a dheanamh ri Dia, ged nach feud sinn gearan ’na aghaidh; ach buinidh e dhuinn a bhi strìochdta,—mothuchadh a bhi againn air an làimh a tha ’gar bualadh,—a bhi ’nar tosd, do bhrìgh gur h-e Dia tha buntainn ruinn. Tha Dia a’ leigeil ànradh agus trioblaid an car na feaghnach a’s taitneach leis. Ged Sheòlamaid san aon luing ri Criosd, eadhon ’na chuideachd féin, choinnicheadh a’ ghaillionn sinn shéideadh a’ ghaoth, agus bhitheamaid do réir coslais an impis dol fodha. Thachair so do’n dà-fhear-dheug; agus tachraidh e do gach caraid a th’ aige. Cuimhnich so O m’anam! agus earb ’na ghràdh. Theagamh gu bheil thu ’g ràdh, O bu shona na deisciobuil sin aig an robh Criosd maille riu san luing, agus comas an gearan a dheanamh ris! Nam biodh e, ars’ thusa, dlùth dhòmhsa, rachainn mar an ceudna d’a ionnsuidh, dh’ ìnnsinn da fàth mo bhròin, gheibhinn faothachadh do ’m chridhe brùite. Thig! ’s e do bheatha. Ged nach ’eil e r’a fhaicinn, tha e dlùth; ma ghlaodhas tusa, éisdidh esan; freagraidh e, Tha mi ’n so! agus bheir e dhuit an teasraiginn sin a’s feàrr dhuit-sa, agus a bheir am barrachd glòire d’a ionnsuidh féin. Theagamh gur h-i a’ choguis leònta an doinionn tha cur riut agus ’gad fheuchainn. Tha eagal ort roimh chorruich Dhé—tha tàirneanach a’s miosa na tàirneanach nan speur a’ deanamh fuaim uamhasach a d’ chluasaibh,—tha lagh ’gad agairt,—os do cheann cha léir dhuit ach Dia mòr naomh, glòrmhor a’ d’ aghaidh. Dia ’am feirg riut. Tha thu ’g amharc fathast agus cha léir dhuit ach slochd gun ghrinneal, loch oillteil far am bheil an teine nach bi chaoidh air a mhùchadh. Tha thu ’g amharc an taobh stigh dhìot, agus chì thu ’n sin cridhe cealgach, fuar; cionta agus truaighe. Ciod a’s éiginn tachairt ach uamhas agus oillt. Am feadh ’s a tha ’n doinionn a’ mairsinn, ’s éiginn do’n anam teicheadh gu fasgadh; ach c’àite ’bheil am fasgadh aige r’a fhaotainn? C’àite ’bheil cala na sìth? Cia mar a chiùinichear corruich Dhé? Cò labhras as do leith? Falbh d’a ionnsuidh a ta ’na shuain ann an deireadh na luinge. Esan, agus esan amhàin tha comasach air labhairt ris a’ choguis leònta, Tosd! bi sàmhach! Shaor mise thu, riaraich mise ceartas an Athar, thug mise ìob-airt-réite air do shon, ghiùlain mi do bhròn, dh’ fhuiling mise cruas na gailinn ann ad àite. A nis cha’n ’eil dìteadh dhuit. Thig dlùth, bi fo dheagh mhisneach, tog do shùil chum nèamh, agus can, Faic, O Dhé! mo sgiath; amhairc orm ann an gnùis t fhirùngta féin. Ach ged a sheachnadh deisciobuil Chriosd gach doinionn eile, tha latha bruailleanach a’ bhàis a mach orra. ’S éiginn duinn uile teachd, luath no mall, chum bruaich Iordain, agus an t-aiseag deireannach a ghabhail. Tha n t-aiseag sin, air uairibh, dorcha agus stoirmeil. C’àite ’bheil sìth san àm sin r’a faotainn? Cò a sheasas r’ar taic ’nuair tha taic an t-saoghail agus na bheil air ’uachdar a’ fàilneachadh? Esan, agus esan amhàin, ’s urrainn, eadhon an sin, a ràdh, Tosd! leig le m’ sheirbhiseach triall ann an sìth. Cuiridh so òran binn ’na bheul. “’Se Dia is tèarmunn duinn gu beachd, Ar spionnadh e ’s ar treis’; An aimsir carraid agus teinn, Ar cobhair e ro-dheas. Mar sin d’an gluaist’ an talamh tròm, Ni h-aobhar-eagail leinn; D’an tilgte fòs na sléibhte mòr, Am buillsgein fairg’ is tuinn’. Na h-uisgeacha le beuca bhurb, D’an rachadh thair a chéil’; Le’n ataireachd d’am biodh air chrith, Na beannta àrd gu léir. Ta abhuinn ann, ni cathair Dhé, Le ’sruthaibh sèimh, ro-ait; Fìor-àite naomh an Tì a’s àird’, Am bheil sior-chòmhnuidh aig’.” A leughadair, chunnaic thu eagal nan deisciobul air chuan san doinionn. Cia mar sheasas tusa air latha mòr an Tighearna, ’nuair bhios na duilean uile a’ leaghadh le dian-theas; ’nuair chluinnear tàirneanach an Tighearna ri fuaim eagalach o thaobh gu taobh do’n t-saoghal mhòr? ’nuair tha’n domhan ’na chaoiribh dearga lasarach, nuair bhios a’ ghrian mar theine agus a ghealach dearg mar fhuil? ’nuair bhios an talamh air am bheil sinn a nis a chòmhnuidh, le gach sliabh agus beinn agus monadh nan lasraichibh àrda? An sin cluinnear tromp an àrd-aingil; seasaidh Criosd ann an glòir,—Mac an duine ’na Bhreitheamh air an t-saoghal! Mun tòisich e air ’oifig àrd a chur an gniomh gairmidh e le guth a chluinneas an domhan, Tosd! bi samhach!—Bithidh sàmhchair ann mar shàmhchair na meadhon-oidhche ’nuair tha gaoth nan speur ’na suain. Iarraibh an Tighearn am feadh ’sa tha e r’a fhaotainn; siribh e am feadh a ta e dlùth. Tréigeadh an t-aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuainte; agus pilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha, agus r’ar Dia-ne a bheir maitheanas gu pailt.—Leabhar nan Cnoc. SEANA BHEACHDAN AGUS SEANA CHLEACHDAIDHEAN. Earrann II. LEIS AN URR. IAIN MAC RUAIRIDH. Ach ged nach robh e comasach do na mnathan-sìthe sliochd a bhreith no àrach, bha iad anabarrach gaolach air cloinn bhig, gu h-àraidh air gillean beaga. Bu tric leotha ’bhith ’goid chloinne bige air falbh an uair a gheibheadh iad an cothrom. Ach an uair a bheireadh iad leotha clann bheag, dh’ fhàgadh iad seann daoine dhiubh fhein ann an rioch chloinn bige ’nan àite. Bha iomadh naigheachd air an aithris mu dhéidhinn so, ach fòghnaidh dhuinn an naigheachd a leanas innseadh mar dhearbhadh gu ’n robh cuid dhe’n t-sluagh a’ toirt geill is creideis dhaibh gus o chionn ghoirid. Bha bean àraidh ann aig an robh leanabh gille a bha anabarrach maiseach anns gach dòigh. Bha ’n leanabh so a’ fàs gu math, agus glé shoirbh ri ’àrach gus an robh e mu bhliadhna dh’ aois. An sin thòisich e ri cnàmh ’s ri dhol as, agus ri fàs anabarrach greannach, crosda, duilich ri cur suas leis. Dh’ fhàs e cho bruidhneach ’s cho seanagarra ’na dhòighean ri fìor sheann duine. Dh’itheadh is dh’ òladh e mar a bheirteadh dha. Cha b’ aill leis a chas a chur air làr gu ceum coiseachd a dheanamh. Bha na coimhearsnaich ag ràdh ri’ mhàthair gu ’n robh iad cinnteach gur e sìthiche a bh’ ann; ach cha chreideadh i iad. Ged a bha i ’faicinn gu’n robh an leanabh air fàs caol, mi-thuarail, greannach, crosda seach mar a bha e’n toiseach, bha i ’toirt oirre fhein a chreidsinn gu ’m faodadh gur e galair cùim àraidh a bha cur dragh’ air, Ach mu dheireadh bhuail e anns a’ cheann aice gur e sithiche a bh’ ann gun teagamh, o nach cual’ i e riamh a’ gearain cràidh no goirteas. Mu dheireadh chaidh i far an robh seann duine glic a bh’ anns a’ bhaile, agus dh’ innis i dha mu’n leanabh. Is docha gur e ach tha na sìthichean cho gleusda ’s nach ’eil e furasda an cur as am faireachadh. Ma theid againn air an leanabh a chur as ’fhaireachadh, ni mise am mach co dhuibh is e sìthiche a th ann no nach e. Bi thusa ’falbh, agus faigh naoi sligean mòra bhàirneach, agus an uair a théid thu dhachaidh cuiridh tu mòr thimchioll an teine iad agus eibhlean teine fòdhpa. Lionaidh tu le uisge iad. An uair a dh’ fheòraicheas an leanabh dhiot ciod am feum a tha thu ’dol a dheanamh dhe na sligean, their thu ris, gur e soithichean-togala ’th’annta. Ma ’s e do leanabh fhein a th’ann cha ghabh e ioghnadh sam bith; ach ma ’s e sithiche a th’ ann, gabhaidh e ioghnadh gu leòr. An uair a chuireas tu na naoi sligean timchioll an teine theid thu ’mach agus seallaidh tu steach air uinneag chum an taighe feuch ciod a their no ’ni e. Thig thu far am bheil mise, agus innsidh tu dhomh ciod a chi ’s a chluinneas tu.” Mu ’n do thill a’ bhean dhachaidh fhuair i na naoi sligean bhàirneach. Chuir i timhchioll an teine iad dìreach mar a dh’ iarr an seann duine oirre, agus lion i le uisge iad. Thog am fear a bh’ anns a’ chreidhil a cheann agus thirt e, “A mhathair, ciod a tha thu ’dol a dheanamh leis na sligean bhàirneach sin?” “So agad, a luaidh, soithichean-togala. Dean thusa foighidin, agus bidh stuth a’s treise na’n t-uisge againn ri òl an ùine gun bhith fada. Tha mise ’falbh a dh’ iarraidh tuilleadh shligean, agus cha bhi mi fada gun tighinn,” ars’ a’ bhean. Chaidh i am mach as an taigh, agus dhùin i an dorus. Chaidh i gun dàil sam bith thun na h-uinneig-chùil. Cha robh i fad’ aig an uinneig an uair a chunnaic i esan ag éirigh as a’ cheridheil. Chaidh e ’na sheana bhodach mòr, liath, air an robh coltas a bhith glé làidir, calama. Ghabh e far an robh na sligean bhàirneach a bha timchioll an teine, agus thòisich e ri tumadh a mheòire annta, agus ri ràdh, an uair a chuireadh e ’na bheul i, “Tha mise deich mìle bliadhna dh’ aois agus is iomadh rud iongantach a chunnaic mi, ach cha’n fhaca ’s cha chuala mi riamh gus an diugh a bhith deanamh soithichean-togala de shligean bhàirneach. Cha’n ’eil dad de bhlas stuth làidir air deur dhe na bheil an so.” An uair a thuirt e so chaidh e do’n chreidhil ann an riochd leinibh mar a bha e roimhe. (Air a leantuinn air taobh 6.) [TD 4] [Vol. 7. No. 1. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .25 Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iadsan a bhios a sgrìobhadh Gailig g’ ar n-ionnsuidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI. C. B., 8 IULAIDH, 1898. Feumaidh an luchd-gabhail ar leisgeul a ghabhail air son nach d’ thainig am MAC-TALLA mach air an t-seachdain s’a chaidh. Bha sin ag atharrachadh meud a phaipeir, agus chuir sin moran obrach ’nar ceann ris nach robh dùil againn. A bharrachd air sin bha aig an fhear-dheasachaidh ri dhol gu Halifax toiseach na seachdain so, agus bha moran aige ri dheanamh mu’m faigheadh e falbh. Agus tha an inneal chlo-bhualaidh ris an robh duil againn a h-uile latha o chionn che’-la-deug gun tighinn fhathast. Leis a h-uile rud a bh’ ann tha MAC-TALLA air a chumail seachdain air deireadh. Ach mar is tric a theirear leothasan a bhios fadalach mu pàigheadh a phaipear, “’S fhearr treabhadh anmoch na bhi gun treabhadh.” Mur eil am paipear cho math air an turus so ’sa b’abhaist dha, tuigidh na leughadairean gur e ’s coireach ri sin am fear-deasachaidh a bhi air falbh. Tha an cogadh ann an Cuba air toiseachadh da rireadh. Fhuair na Geancaich corr us fichead mile saighdear a chur air tir anns an eilean, agus tha iad an deigh iomadh cath a chur ris na Spàinntich. Thug iad ionnsuidh air Santiago Di-sathuirne, bho ’n mhuir agus bho thir, agus ged nach d’ thug iad a mach e, rinn iad a ieithid de mhilleadh air na daighnichean timchioll a bhaile ’s nach urrainn e seasamh ’nan aghaidh ro fhada. Chaill na Geancaich mile duine, eadar ’na chaidh a mharbhadh agus na chaidh a leòn, agus cha b’e call nan Spàinnteach dad bu lugha. Chaidh an càbhlach Spàinnteach, a bha air a dhunadh a stigh ann an acarsaid Santiago o chionn sia seachduinean, a losgadh suas gu h-iomlan ’sa mhaduinn Di-dònaich. Dh’ fhiach iad ri teicheadh a mach as an acarsaid, ach chaidh na soithichean Geancach as an deigh agus mu ’n do ruith dà uair bha na sia soithichean Spàinnteach air an cur a dhith. Bha 1,300 Spàinnteach air an glacadh ’nam priosanaich, agus ’nam measg sin bha an ceannard, Admiral Cervera. Tha tar a deanamh a mach gu ’n guidh an Spàinn airson réite a dheanamh an uine ghoirid. LITIR A PROVIDENCE. Tha breith a thabhairt na ni cudtromach. Tha cuisaibh ann air an toirear breith le cuid, a dh’fhaodas a bhi soirbh soilleir gu leor do’n bhriatheamh ach a dh’fheudadh a bhi doirbh doilleir do chuid eille; bheir a cheud aon breith chothromach is an t-aon eile breith chlaon. Tha breith a thabhairt air bàrdachd doirbh a dheanamh, do neach nach eil a tuigsinn ciod an ni a th’ann bàrdachd ach tha e soirbh gu leor dhasan a thuigeas. Gabhadh maid beachd, air ciall an fhacail “Bàrdachd.” feuchadh mid ri a fhareumh a rannsachadh, is a reir mo bharail gu’m bheil am facal a ciallachadh; a bhi a tabhairt cruth nuadh air ni gu’n dealbh agus falamh. Am bard nach dean sin cha bhard e. Fhuair sinn lagh seasmhach air son gach bardachd, tha am bard a ni suas suidheachadh aitreamh no taigh mòr, a deanamh a sheomraichean, ’s a staidhraichean, is gach ni a bhuineas do ’n togail, a tabhairt ni nuadh á neoni á fallamhachd; tha fear a dhealbhas suidheachadh luinge a deanamh an ni cheudna; mar an ceudna tha ’u tùr-sgeulaiche a deanamh suas bardachd, tha am fear a gheibh nuadh-innleachd a mach no patent, a deanamh bardachd; ach ann an obair deilbh oran gheibh sinn da sheorsa; tha aon a tarruing an dealbh ach an tron eile a gabhail an dealbh, tha ’m fior bhard, ga tharruing leis a bhadaig a’s leis na dathan; tha an t-aon eile a gabhail an dealbh leis an fhaileus. Aithnichidh aon dealbh a ghabhair seach dealbh a thairnigir, mar dh’ainnich mi cheana fhuair sinn lagh bardachd is maith is airidh a leantuin. Nuair a chruthaicheadh na nèamhan agus an talamh bha iad an toiseach gun dealbh agus falamh bha’n inntinn shiorruidh gun a leigeil ris gus an do thoisich a bhàrdachd ga cur an ordadh. Cha’n eil san oran air fad ach sea rainn, tha’n rann toisich goirid, ach tha e gabhail a steach bardachd neo chriochnach is ean cuid rann. “Biodh solus ann.” Tha na cuig rainn eile nas faide, ach cha’n eil a h-aon diubh fada. Co luath ’s a chriochnaicheadh an rann fa dheireadh; is a chuireadh a staigh a chlach oisein, sheinn reultan na maidne an toran is i mo bharail nach robh ’sa choisir chiuil ach tri Pearsa na Trianaid, us co luath is a sheinn iad an t-oran binn-cheolach ud rinn Mic Dhe uille gàirdeachas. Is e an t-oran ud lagh gach bardachd is aon air bith a theid taobh a mach cuairt an orain ud, ni e amadan dhe fhein na do aon eile a leanas ’no chreideas e. Cha robh aon de na gliocasairean greugach, ach Socrates, nach deacha taobh a mach na toil fhoillsichte; bha beacan moralach aig Socrates, agus tha, bha; agus bithidh, daoine a tabhairt cliù dha air an son ach feudaidh sinn a bhi cinnteach, aon a bha cho deigheil air eolas, sa bha e, gu’n do leugh e bàrdachd na’n Eabhrach. Feudaidh sinn tuigsin bhoi sin, nach ann an inntinn shocrates a dhealbhadh am beachd morallach ud a bh’aig air gu’n robh sinn am bith mu’n d’thaìnig sinn do’n t-saoghal so. Bha’m beachd ud air a dhealbh le Maois, faisg air mile bliadhna ma ’n d’rugadh socrates; mar a chi sinn anns an deicheamh Salm thar cheithir-fichead (Salm 90). Dh’fhag sin socrates cho faisg oirnn seach aon eile de fheallsanaich nan laithibh a dh’aon. Chaidh Milton taobh a mach na toil fhoillsichte leis a cheud earrainn de “Chall Pharais,” na leithid de dhoigh is nach eil againn air ach mar aisling fhiabhrais, chaidh Bholtair is Darwin cho fada air taobh a mach cuairt na ceud bhardachd, is gu’n do chuir iad moran cearr, a’s gu’n do bhasaich iad fein bas nan amadan. Chaidh Hugh Miller cho teann air a ghloir oirdheirc is gu’n do thuit e sios mar a rinn Peadar ’nuair a dh’ iarre ni a dheanamh nach do dh’àithneadh dha, air beinn a chruth-atharachaidh is bhiodh peadair na shineadh air o bheinn fathast mur bi an lamh a bhean ris. Tha moran do dhaoine mora diadhaidh a faigheil cho teann air a ghloir ud is gu’m beil cuid dhiubh ag iarraidh bhothanan beaga a chur suas nach eileas ag iarraidh orra, is gach aon diubh a tuiteam air dhoigh eigin. An t-aon fa dheireadh a cheum a mach seach cuairt na ceud bhardachd, ghairmadh air falbh e, mar a bha Professor Drrummond diadhaidh. Ach gu tilleadh ri bhi tabhairt breith air bàrdachd, leugh mi ’s MHAC-TALLA far an do sheas aon de bhaird ar latha, eadar solus agus dorchadas eadar eolas agus aineolas, ach cha robh mi saoilsin gu’n robh aon na’r linn do am b’ aithne Gailig a leughadh ’s a sgriobhadh, a ghabhadh air a rathainn gu’r e Donnachadh Bàn bad a b’fhear a bha ann bho linn Oisein. Cha’n ’eil aobhar air a dhol a dh’ ainmeachadh na’m bard a b’fhearr na Donnacha Bàn, thug Nial Mac Leoid aon urchair don bheachd chlaon ud a tha mi ’n dochas a chuireas á sealladh e gu brath a measg nan Gaidheal. Bha camera mhaith aig Donnacha ach bha i uairibh a dol cearr aige, mar a thug suil a bhaird an aire nuair a ghabh e dealbh Beinn Dorain. Is i an dealbh is fearr is aithne dhomh a ghabh camera Dhonnachaidh Bhàin, rann de oran Coirre-Cheathaich a tha dol mar so:— ’Sa maduinn chiuin ghil an am dhomh dusgadh Aig bun na stuice b’ e ’n sugradh leam, A chearc le sgiucan a gabhail tuchain ’S an coileach cuirteil ri durdail trom. An dreathan surdail ’s a ribhid chiul aig A cur nan smuid dheth gu luthar binn, An truid sam brudhearg le moran unaich Ri ceileir sunntach bu shubhlach rann. Sinn do reir mo bheachd-sa, mar a their a Bheurla masterpiece Dhonnachaidh Bàin. Cuireadh mid a nise ri a thaobh rann de oran an Uillt-mhoir le Domhnull na’n oran, beachdaicheadh mid co aca a tha air an gabhail ’s air an tarruing diubh:— ’Nuair las a ghrian sa sgap am fiamh Bh’air dealta liath an fheoir, Cha’n fhacas gniomh le stailceadh mhiar A sheasadh iall nan coir. Gach aon a mach air slataig uaine ’S cnap de duail na dhorn, Bu sgoilteach taitneach blasd an fhuaim ’S an gaiste air ghluasad fodhpa. Tha bhlas ’sa bheachd fein aig gach aon ach ged nach d’ thug mi seachad ach aon rann de oran an Uillt Mhòir le Domhnull Mac Leoid tha mi a faicinn barrachd deachdaidh fior bhàrdachd san rann-ud na an rann Coire-Cheathaich. Tha iad le cheile maiseach, ach tha an ceud fhear air a ghabhail, is am fear eile air a tharruing leis an dath ’s leis a bhadaig. AONGHAS MAC AOIDH, Providence, R. I. P. S.—Tha mi a cur a dhiarraidh a MHIC-TALLA air son bliadhna eile, is a guidhe saoghal fada dha fein is da luchd gabhail anns gach aite. Gheibh sibh ordugh post anns an litir so air son dollar ’s cha b’e luach a MHIC-TALLA dollar leibideach. A. MACA. AN FHAILTE A CHUIR TEACHDAIREAN A’ CHOMUINN GHAIDHEALAICH AIR AM BRAITHREAN ANN AN EIRINN AIG AN OIREACHTAS. Luchd-riaghlaidh a’ Chomuinn Gaidhealaich an Alba, do Luchd-riartha Chonnartha na Gàedhilge an Eirinn: Fàilte! An uruidh, shìn Eirinn a mach a làmh do Ghàidheil na h-Alba, ’n uair a chuir sibhse teachdairean do ’n Mhòd Ghàidhealach am Baile Inbhar-nis. Am bliadhna, is dligheach dhuibh gu ’n deanamaid-ne mar an ceudna do ur taobh-sa; agus tha sinn ’g a dheanamh le làn-deòin. Tha e ’na aobhar-gàirdeachais duinn gu ’m bheil an dà gheug de ’n aon chrann a bha fada sgairte o chéile a’ dlùthachadh a ris agus càirdeas is comunn a’ buadhachadh am measg an duillich. Gu ma fada bhios e mar sin. C’ uime am biodh an t-atharrachadh ann? Is co-ionnan ar rùintean. Tha sinne a’ gabhail beachd air an oidhirp thapaidh a tha sibh a’ tabhairt air cor na Gaidhlig ath-leasachadh; agus tha e ’g ar brosnachadh gu bhi cumail suas ar brataich fhein an aghaidh nan gaoithean fuara a shéideas na coimhich agus luchd-tréigsinn na cànain mhàthaireil oirnn. Tha e a taitinn gu math ruinn gu’m beil a’ Ghàidhlig an Eirinn a’ togail a cinn agus ag éirigh gu bhi fo mheas aig a chloinn fein; agus tha sinn a creidsinn gur ann, an cuid mhor, fo iùl Connartha na Gaedhilge a rainig i an inbhe anns am bheil i. Tha sinn an duil gu ’n lean sibh gu dian dìcheallach air an obair a chuir sibh romhaibh, agus gu’n tig tairbhe mhor do luchd-labhairt na Gaidhlig an cois ar deanadas. Is e ar guidhe a thaobh na Gàidhlig an Eirinn, cha ’n e mhàin gu ’m mair i slàn, ach gu ’n ath-nuadhaich i a h-òige, gu ’n searg as roimh a h-anail bhlàith gach an-dòchas, geilt agus nàire a bha deoghal an anam á moran de Chlann nan Gàidheal; gu ’n cinn ’nan àite aigne meamnach, surdail, fein-earbsach a dh’ àrdaicheas iad ’nam beachd féin agus am beachd muinutir eile; agus fa-dheòigh fo a buaidh, gu ’m fàs luchd-labhairt na Gàidhlig gu bhi ainmeil am measg chinneach an domhain mar an sluagh a’s fhearr a thuigeas an seòl air an olc a leagail agus am math a thogail. An ainm Luchd-riaghlaidh a’ Chomuinn Ghàidhealaich. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. [TD 5] [Vol. 7. No. 1. p. 5] LITIR A ONTARIO. FHIR-DEASACHAIDH,—Tha roinn mhor de ’n t-samhradh air a dhol seachad bho ’n a sgriobh mi mu dheireadh. Dh’ fhalbh an t-earrach agus am cur an t-sil, agus tha ’nis am feur ’s gach barr eile ’chaidh a chur bho ’n a chur mi sion sios do ’n MHAC-TALLA, air fas suas, agus a reir coslais a gealltainn torradh mor a thoirt a mach ’nuair thig am na buanna. Tha samhradh briagha againn; tha na frasan uisge a tighinn ’nuair tha feum orra; ann an seachdain bidh sinn a toiseachadh air gearradh an fheoir. Tha an la a nis a dol beagan an giorrad, agus bidh an oidhche dol am fad. Bha cruinneachadh mor aig “Comunn nan Gael” anns a bhaile so, air an 21mh latha de Iun. Bha Mr. Friseal, a Toronto, Ard-cheann a Chomuinn, ann, agus thug e oraid mhor ann am Beurla agus an Gailig seachad. Bha e cur iompaidh air na Gaidheil na seann chleachdainnan a chumail suas. ’S e chuid as miosa gun cum cuid mhor dhiubh suas iad gun iompaidh idir a chur orra, oir ’s iomadh cleachdadh gorach a bha aca ’tha feumail air ath-leasachadh, mar tha sgoil-danna agus a leithid sin. ’Se fior Ghaidheal a tha ann am Mr. Friseal—tha e teagasg na Gailig d’a chloinn fhein. Bha piobaire mor a baile Ghuelph aca—Mr. Thain—’s cha robh cion chiuil orra. Rinn an t-Urr. Iain A. Mathanach, ministeir na h-Eaglais Chleirich, oraidean gasda ann an Gailig ’s ann am Beurla. Bha Gilleasbuig Mac Cuaig, ceann a Chomuinn ann am Priceville, ’sa chathair, agus lion e i cho mor ann am foghlum ’sa rinn e ann am pearsa. Bha cleasan ann agus dannsa, agus a leithid sin. Chur iad seachad latha chridheil, agus chaidh a h-uile duine dhachaidh lan thoilichte leis na chunnaic ’s na chual’ iad. “Gu ma fada beo na Gaidheil!” Tha a Ghailig air a cumail suas gu maith againn anns a bhaile bheag so. Tha i air a searmonachadh leis an Urr. Mr. Mathanach a h-uile la Sabaid air leth-uair an deigh deich anns a mhaduinn, agus na dheigh sin tha do fheinealachd annain ’s gu bheil sinn a smuaintean nach tig na Gaidheil a mach cho trath sin ’sa mhaduinn; ach cha ’n e a mhuinntir a’s fhaide th’ air falbh a’s mo ni de ghearain idir, ach iadsan a tha aig dorus na h-eaglais. Tha mo charaid Iain Caimbeul, a tighinn ochd mile a h-uile la Sabaid airson a chanain mhatharail a chluinntinn, agus bithidh e aig an eaglals ro dheich uairean a h-uile maduinn, ged tha e ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus cha chluinnear guth gearain aige gu ’m bheil an t-seirbheis a toiseachadh tuilleadh us trath. Thig a mhuinntir a bhios airson a Ghailig a chumail suas ged bhiodh an t-seirbheis a toiseachadh air naoidh uairean. Ged a dh’ fheumas daoine a bhi cleachdadh na Beurla, cha choir dhaibh a bhi deanamh dimeas air a Ghailig. Mur bithinnsa airson a Ghaidhlig a chumail suas, cha bhithinn a cosg mo shuilean a sgriobhadh, ’nuair bu choir dhomh a bhi ’nam chadal. Tha moran tinneas againn anns an aite so, agus tha moran a basachadh, sean agus og, bochd agus beartach, tha iad air an leagadh sios taobh ri taobh, agus an uair a theid neach a choimhead air an leabaidh thosdaich anns am bheil iad ’nan luidhe, cha ’n aithnichear an darna h-aon ni ’s mo ’nan t-aon eile. ’Se so so latha mor na Rioghachd, (Dominion Day). Tha cuid ’ga chumail le bhi toirt urram da air gach doigh, ach dh’ fhan a chuid a’s mo de dhaoine a bhaile so aig an tigh a toirt an aire air an gnothuichean fhein. Tha an t-side fuathasach blath bho ’n thainig Iulaidh a stigh. Bha stoirm mhor uisge, dealanaich agus tairneanaich againn bho chionn da oidhche. Bhual an dealanach tigh goirid uaithe so; sgoilt e posta na leapa agus thilg e leanabh beag a mach air an urlar, ach cha do rinneadh dad de dhochunn air an leanabh. Tha eagal orm gu ’n d’ rinn mi mo litir tuilleadh is fada, agus feumaidh mi sgur an drasd. Slan leat. Is mi do charaid, IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, 1 Iulaidh, 1898. IADSAN A’ PHAIGH. Donnachadh Mac Griogair, Westville, N. S. Domhnull Camaran, (saor) Stellarton, N. S. Iain Domhnullach, Antigonish, N. S. Alastair Domhnullach, Antigonish, N. S. Domhnull Mac Leoid, Detroit, Mich. Iain L. Brower, New York. Iain I. Mac Raing, Middleton, Conn. Donnachadh MacCoinnich, Gloucester, Mass. Bean D. M. Caimbeul, Dunbheagain, Ont. Iain Dughlach, Sowerby, Ont. Iain R. Domhnullach, Whitwick, Que. Ceat F. Nic Leoid, Paveril, Que. C. L. Nic-a-Ghobha, Milan, Que. Iain Graham, Galson, Que. A. R. Mac Leoid, Sruileigh, Alba. Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath. Aonghas Gillios, Sidni Tuath. $2.00 Caipt. R. Domhnullach, Sidni Tuath. Iain A. Mac Isaic, Meinn a Tuath. Gilleasbuig Moireastan, Rathad Horne. Padruig Mac Ille-mhaoil, Gleann Ainslie. Aonghas Gillios, Orangedale. Domhnull T. Caimbeal, Gleann Comhann. Anna Mhartuinn, Meinn Ghardiner. Ruairidh Mac Neill, Meinn an Reserve. Alasdair Johnston, Bridgeport. An t-Urr Uilleam Grannd, Port Morien $3.00 Aonghas Mac Leoid, Port Morien $200 Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien $2.00 Iain I. Gillios, Meadows. An t-Urr. Calum Mac Leoid, Baile nan Gall. Uisdean C. Mac Aoidh, Malagawatch. T. C. Mac-an-Toisich, Malagawatch. Iain Mac Leoid, Beinn nan Sgiathanach. Murchadh Mca Gilleain, Valley Mills. $1.25 F. A. Gemmel Selkirk, Manitoba. Dr. D. H. Domhnullach, Welsford, N. B. Iain G. Mac Eachuinn Woburn, Mass. A. B. Domhnullach, Meat Cove, $2.00 Ailein Mac Illeathain, Halifax. Mrs. Seònaid Caimbeul, Vancouver, B. C. Coinneach Mac-an-Tòisich, Baigh-an-Iar. Alasdair Murchison, Priceville, Ont. Ailein Mac Illeathain, Bridgeport. Domhnull Mac Cuthais, Bridgeport. Caiptean Donnacha MacLeod, Baile-nan-Gall Dòmhnull Moireastan, Meinn Lorway. Domhnull R. Stiubhart, Belle Creek, P.E.I. Lachann Mac Illeathain, Lexington, $4,00 Dughall Domhnullach, Gleann Comhann. R. H. Moireastan, Cnoc-an-Aoil $1.50 D. W. Mac Illebrath, Dalkeith, N.S, $3.00 Aonghas Mac Aoidh, Providence, R. I. K. Illeathain, Baile New York. Cailean Domhnullach, Round Island, $2.00 Alasdair Mac Rath, Tailler, Sidni, 25c. Iain J. MacIlle-Mhicheil, Woodbury,Vt. 50c Tormoid Moireastan, Peveril, Que. Seoras Mac Rath, Glen Robertson, Ont. $3.00 Murchadh MacCoinnich, Beinn-a-Mharmoir, $1 50 Mrs. Anna Chaimbeul, Ceap Nòr. Iain R. Siosal, Meinn Acadia, N. S. M. Mac Griogair, Mt. Brydges, Ont. $5.00 Bha stoirm mhor thàrneanach ann an Charlottetown agus ’san duthaich mu’n cuairt feasgar Di-luain. Bha tigh Uilleam Duffy aig Kelley’s cross air a bhualadh leis an dealanach agus air a chur as a cheile. Bha dithis choimhearsnach, Tomas Monaghan agus Owen Trainer, a bha air cheilidh air Mr. Duffy aig an àm air am marbhadh agus bha nighean do Mr. Duffy air a goirteachadh. Bha fear an tighe ’na shuidhe eadar an dithis dhaoine an uair a chaidh am bualadh, ach cha deachaidh dochann sam bith a dheanamh air. Chaidh Freeman Embree duin’ òg a mhuinntir Port Hawkesbury a bhatadh ann an Caolas Mhagellan o chionn ghoirid. Bha e ’na sheoladair air an t-soitheach “Alpha,” a bha air a turus o Halifax gu Vancouver, B. C. Thachair sgiorradh eagallach air a mhuir faisg air Sable Island, ’sa mhaduinn Di-luain. Bhuail da shoitheach-smùid, “La Burgoyne,” agus “Cromartyshire,” ’na cheile, agus chaidh La Burgoyne dha ’n ghrunnd an taobh a stigh de dheich mionaidean. Bha 800 duine air bord oirre agus chaidh 600 dhiu a chall. Bha La Burgoyne air a turus eadar New York ’us Paris, agus bhuineadh cuid de na daoine do na Stàitean, agus cuid do’n Fhraing. Bha an Cromartyshire air a milleadh gu dona, agus chaidh a toirt a stigh do Halifacs ’sa mhaduinn Di-ciaduin. AMHERST BOOT AND SHOE MFG. CO., AMHERST, N. S. A’ CHUIDEACHD GHRIASACHD A’S MOTHA THA ’S NA ROINNEAN ISEAL. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Airneis Taighe,: Soithicnean Creadha, Botuinnean agus Brogan. Tha stoc mor dhiubh so air ur-fhosgladh againn, agus tha sinn ’g an reic SAOR! SAOR! JOST BROS. Sidni, C. B. 13 Maigh, ’98. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. C. H. HARRINGTON & CO. (Na marsantan a’s fhaide tha deanamh gnothuich ann an sidni.) THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. [TD 6] [Vol. 7. No. 1. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 3.) Thug na chunnaic ’s na chual’ i aig an uinneig air a’ mhnaoi a làn chreidsinn gur e sithiche a bh’ aice ’s a’ chreidhil, agus nach b’e a leanabh fhein. Agus ghrad dh’ fhalbh i far an robh an seann duine, agus dh’innis i dha na chunnaic ’s na chual i. “Till dhachaidh ’sa’ mhionaid,” ars’ esan, “agus dean cheangal nan tri chaol air. Thoir leat thun a’ chladaich e, agus fàg an oir na tuinne e. An uair a thig an lionadh, tòisichidh e ri ghaodnaich. Agus ged nach urrainnear a bhàthadh, gidheadh, thig na sìthichean eile ’ga iarraidh. An uair a thilleas tu dhachaidh bidh do leanabh fhein a staigh romhad.” Rinn i mar a chomhairlich an seann duine dhi, agus an uair a thill i dhachaidh bha ’mac fhein gu slàn, fallainn roimpe a staigh. B’ ainneamh a chunnacas riamh sìtheanan fosgailte air an latha; ach bu tric le daoine am faicinn fosgailte air an oidhche, gn h àraidh anns a’ gheamhradh. Ged a chunnaic moran fosgailte iad, cha robh de mhisnich ach aig fior bheagan na chaidh a steach annta. Chaidh cuid a steach, ma’s fhior mar a chuala sinn, nach d’ thainig am mach riamh, do bhrigh gu’n do dhichuimhnich iad an dorus a chumail fosgailte. Fear sam bith a rachadh a steach, dh’ fhiumadh iad, nam biodh toil aige tighinn am mach, sgian, no tairig, no iarunn biorach sam bith eile a stobadh ann an ursann an doruis. Bha e air a ràdh, gu’n robh an t-iarunn beannaichte do bhrigh gur ann leis a lotadh làmhan, casan, agus taobh an t-Slanuighir, agus air an aobhar sin, nach robh e an comas do na sìthichean an làmh a chur air. Cha d’ fhàgadh cunntas againn mu thimchioll ni sam bith a bha’n taobh a staigh dhe na sitheanan. Iadsan uile a chaidh a steach annta, bha’n aire cho buileach air a togail leis a’ cheòl, leis an dannsa, agus leis a h-uile sùgradh a bha ’dol air aghart annta ’s nach do ghabh iad beachd air ni sam bith eile. Bha’n solus a bh’ annta anabarrach boillsgeil. Cha chualas riamh ciod an seòrsa soluis a bh’ ann. Ma dh’ fhaoidte gur e an solus dealrach, ùr a fhuaradh am mach o chionn àireamh bhliadhnachan, agus a tha nis ri fhaicinn air sràidean bhailtean mora, agus ann an taighean nan àrd-uaislean, a bh ann. Air aon ni tha fios againn, agus is e sin, nach robh eòlas sam bith aig a’ chinne-daon air an t-solus so gus an do sguir daoine bhith ’faicinn nan sìithichean. Is e an solus-dealain a tha sinn a’ ciallachadh. Tha’n duine glic ag radh, nach ’eil ni ùr sam bith fo ’n ghréin, agus ged nach ’eil ùine fhada o’n a fhuaradh am mach an solus so, bha e anns a’ chruthachadh o thoiseach an t-saoghail. A réir mar a chualas, b’e an fhiodhall an t-inneal-ciùil a bh’ aig na sithichean. Tha e coltach gu’n robh iad nan luchd-ciùil anabarrach math. Cha’n fhiosrach sinn gu’m bheil a h-aon dhe na puirt a bhiodh iad a’ cluich air chuimhne gus an latha ’n diugh. Tha aobhar againn a bhith ’creidsinn gu’n robh tomhas mòr de dhìmeas aig na Gàidheil o shean air ceòl na fìdhle, agus tha amhrus againn gur ann a chionn gu’m b’e an fhiodhall an t-inneal-ciùil a bh’ aig na sìthichean a thachair so. Ged a bha iad ’nan coimhearsnaich mhodhail, iomchuidh gu leòr fhad ’s nach cuirteadh dragh no tairgneadh orra, gidheadh cha robh toil aig daoine bhith ’leantuinn an eisiomplair no an cleachdaidhean ann an dòigh sam bith. B’e a’ phìob an t-inneal-ciùil air an robh meas aig na Gàidheil, oir b’ i inneal-ciùil a’ chogàidh. Dh’ fhaoidteadh a seinn air na cnuic cò dhiubh a bhiodh an t sìde fluich no tioram, fuar an blàth. Cha b’ ionnan sin ’s an fhiodhall; cha b’ inneal-ciùil i a bha freagarrach air son a bhith ’g a cluich am muigh air na cnuic Agus o nach cluinnteadh air astar fad’ air falbh i, cha bu cheòl i a dhùisgeadh spiorad a’ chogaidh ann an inntinn duine sam bith. Am feadh ’s a bha meas air a phìobaire, bha dimeas air an fhidhleir. Cuiridh an rann a leanas solus air so— “Fidhlear is taillear is cat, Breabadair is greusaich’ is muc, Maighstir-sgoil’ is cearc.” Bhiodh am fidhlear ’s an taillear mar a bhiodh an cat, ri taobh an teine mar bu trice, agus anns an t-seann aimsir cha robh meas mòr air fear sam bith ach fear treun, tapaidh, a chothaicheadh e fhein air muir ’s air tìr. Ach is ann glé bheag, lag, meata a bhiodh fear mur rachadh aige air port a chur air fidhill, no aodach fhuaghal ’s e na shuidhe ri taobh an teine. Dheanadh sìthiche meata fhein so. Bhiodh am breabadair salach le àrmadh an t-snàth a bhiodh e ’fighe; agus bhiodh an greusaiche salach le olla ’n léathair; agus, mar bu trice, cha bhiodh anns a’ mhaighstir-sgoile ach duine dis, meata a dh’ fheumadh a dhol fo fhasgadh an uair a shileadh an t-uisge mar a dheanadh a’ chearc. Ma bha gus nach robh an uine ’dol seachad gun fhios do na sìthichean cha ’n ’eil e furasda dheanamh am mach. Ach tha e air aithris gu’n robh an uine ’dol seachad gun fhios gun fhaireachadh do na daoine a bha ’dol a steach do na sìtheanan. Faodar an sgeul a leanas innseadh mar dhearbhadh air so:— Anns an àm a dh’ fhalbh, bha mòran dhe na Gaidheil, a’ deanamh uisge-beatha gun fhiosda, agus na ’m faigheadh na “gaugeran” fios air, rachadh an glacadh agus càin a chur orra. Dh’ fheumadh an feadhainn a bhiodh ’ga cheannach a bhith ’cheart cho faìcleach ris an feadhainn a bhiodh ’ga dheanamh; oir na’n rachadh an glacadh chuirteadh càin orra mar an ceudna. Bha duine àraidh ann aig an robh duil ri leasachadh teaghlaich, agus o’n a b’e a’ cheud leanabh a bh’ ann, bha toil aige deur math de mhac na braiche a bhith aige san taigh; oir bha e ’na chleachdadh anns an àm ud feusd a dheanamh an uair a bhiodh leanabh air a bhreith. B’e, “Uirlean,” an t-ainm a bha gu cumanta air an fheusd so. Bha aig an duine so ri dhol air astar, math, fada dh’ iarraidh an uisge-bheatha. Dh’ fhalbh e as an taigh am beul anamoch na h oidhche, agus bha aige ri dhol troimh mhonaidhean ’s troimh gharbhlaichean mu’n ruigeadh e a’ bhothag anns an robhas a’ deanamh an uisge-bheatha. Bha e ’na dhuine làidir, tapaidh a choisicheadh air comhnard ’s air garbhlach cho math ’s cho sunndach ri fear a bha beò ri’ latha ’s ri linn. Agus ma bha bhothag fada uaithe, cha robh e fada ’ga ruighinn. O’n a bha aig ri tilleadh dhachaidh an oidhche sin fhein, cha d’ rinn e mòran dàlach anns a’ bhothaig. Faodar a bhith cinnteach gu’n d’fhuair e de mhac na braiche na fhliuch a dhà shuil cho luath ’s a ràinig e, oir cha robh luchd nam poitean-dubha, mar a theirteadh gu cumanta ris an feadhainn a bhiodh a’ deanamh an uisge-bheatha gun fhiosda, riamh mosach no spìocach mu’n uisge-bheatha. Ri leantuinn. AN SPAIN AGUS AN COGADH. Tha an Spàin a’ faotainn moran mi-chliù bho na paipearan Geancach agus bho phàirt de phaipearan Chanada. Thug fear de sgriobhadairean a’ MHIC-TALLA iomradh air cho beag ’sa tha an àireamh anns an Spàin aig am bheil a bheag no mhor de litreachas. Tha reusan air a h-uile rud. Tha uidhir de litreachas anns an Spàin ’sa tha ann an rioghachd sam bith: cha’n eil riaghladh na Spàinne a’ cunntas gu bheil facal litricheas aig neach sam bith nach leugh agus nach sgriobh cànan an riaghlaidh, ’se sin Castillian, Tha ceithir cànain anns an Spàin—Castilian cànan an riaghlaidh, Basque anns an iar-thuath ri crioch na Frainge, Catalan agus Galician anns na mor-roinnean dhe na h-ainmeanan ceudna. Cha’n e meòir dhe’n aon chànan a tha annta mar a tha a’ Ghàldhlig Albannach agus a Ghàidhlig Eirionnach ach cànainean air leth, gu buileach o chéile. ’Si Castilian cànan an riaghlaidh aig an Spàin, mar a tha a’ Bheurla aig Breatuinn agus an àm togail na census, thathas a’ cur sios gun fhacal litreachas neach sam bith nach leugh agus nach sgriobh Castilian. ’Si mo bharail gu bheil census Bhreatuinn air a cheart doigh. Ma tha, bhiodh fear-deasachaidh a’ MHIC-TALLA air a chur sios gun fhacal litreachas mar a b’ urrainn dha Beurla a leughadh agus a sgriobhadh ged is math air a’ Ghàidhlig e. Air an aobhar sin tha e furasd fhaicinn gu bheil na census a’ deanamh ana-ceartas do litreachas nan Spàinnteach. Tha an lagh aca a’ giùlan gu feum clann a tha ann an aois sgoile dol do ’n sgoil, agus tha sgoil a nasgaidh do na bochdan. Tha Mulhall an t-ughdar a’s àirde cliù an diugh ann air statistics a toirt creideas do Bhreatuin ann an 123 as a 1000 de chloinn a’ dol do ’n sgoil agus do’n Spàin ann an 106 as a 1000, agus gu bheil barrachd de sgoilearan ann an collaisdean na Spàinne agus Bhelgium na tha ann an rioghachd sam bith ’san Roinn Eòrpa. Tha Report U. S. Commissioner of Education airson 1888-89 a toirt seachad cunntas nan sgoillearan anns na Collaisdean Breatunnach aig 8,802 agus ann an Collaisdean na Spàinne cho àrd ri 15,787. Tha deich Collaisdean anns an Spàin agus ceithir ann am Breatuinn. Tha Aonghas Mac Aoidh ann an àireamh 3 Iun de’n MHAC-TALLA ag innse beagan fhirin nach bi fuathasach taitneach do chuid le nach toil a bhi cur mi-chliù air Breatuinn leis an fhirinn fhein. Tha deifir mor anns an doigh anns an do dhéiligeadh ri Innseanaich America leis an da rioghachd Breatuin agus an Spàin agus na Staitetn Aonaichte comhlach riutha. Thòisich Breatuin ri cur nan Innseanach an aghaidh a cheile agus ri cogadh riu gus an do sgrios i, faodaidh mi a ràdh gu buileach, na treumhan foghainteach a bha ri taobh na h-Atlantic agus nan Lochan Mora, airson a bheagan a tha an sid ’s an so mar a tha na Mic-Macs aig ceann Bagha Hogamah, agus an còrr dhiubh chaidh am fuadachadh do’n Iar-Thuath. Lean na Staitean an samhla a fhuair iad bho Bhreatuin gus nach eil an diugh ann an America Tuath an taobh am mach do Mhexico as an t-sluagh lionmhor a bha ann de Innseanaich ach mu 500,000. Tha Ezra C. Seaman, a bha duineil gu leòr gus an fhirinn innse ge b’e dath a bhiodh oirre, ann an leabhar a sgriobh e ’s a chaìdh ann an clo an darna turus an 1868, ’se an leabhar a tha mi ’g ràdh Progress of Nations agus tha leabhar eile The American System of Government leis an aon pheann ag radh gu bheil còrr agus 12,000,000 de Innseanaich ann an America Deas eadar na tha ann do’n làn-fhuil Innseanach agus na leth-fhuilich. Ann am Mexico tha còrr agus 12,000,000 de shluagh agus cha’n eil dhiu sin ach naoidh deug anns a’ cheud de’n làn fhuil Spàinteach agus an còrr de Innseanaich dhe’n làn-fhuil agus leth-fhuil. Gu’n do phòs uidhir de na Spàintich na h-Innseannaich agus an àireamh mhor a tha ann dhiu, na chomharradh gle mhath nach eil na h-eachdraidhean a’s cumanta ag innse na firinn mu na cùisean so. Cha’n eil mi dol as àicheadh nach d’ rinn cuid de Spàinntich diol air na h-Innseanaich, cho dona ’sa rinn Breatuinn no na Stàitean riamh, ach cha do sgrios iad as iad mar a rinn Breatuinn agus na Stàitean Aonaichte air Innseanaich America Tuath. Tha cogadh an dràsda eadar na Stàitean Aonaichte agus an Spàin. ’Se gle bheag reusan a thug air na Stàitean an cogadh eigheach. Mar a thuirt fear de phaipearan nan Stàitean beagan làithean mu’n deach an [TD 7] [Vol. 7. No. 1. p. 7] cogadh eigheach: “Chaidh iarraidh air an Spàin féin-riaghladh a thoirt do Chùba agus rinn iad e. Ghearain sinn air cho cruaidh ’sa bha iad air na Cùbanaich agus thug iad air ais Weyler. Chaidh iarraidh orra beagan de mhuinntir nan Stàitean a bha ann am priosan aca a leigeil mar sgaoil agus dh’ fhosgail iad na dorsan dhaibh. Chaidh iarraidh orra De Lome a thoirt air ais agus rinn iad e. Ghabh sinn truas de na reconcentradoes agus leig iad leinn am biathadh. Ghearain sinn air an doigh a bha iad a co-comhlachadh nan Cubanach agus leig iad mar sgaoil iad. Smaointich sinn gu’m bu chòir an sluagh so a chuideachadh gu tòiseachadh air tuathanachas agus thug iad dhaibh $600,000. Chaidh fhoighneachd carson a bha a’ chàbhlach chogaidh a’ seòladh thar a chuain agus stad iad a’ chàbhlach teann aia cladach Africa. Chaidh iarraidh orra an ceartas a b’ fhearr a b’ urrainn dhaibh a dheanamh a thaobh sgrios a’ Mhaine agus dh’ iarr iad a leigeil gu luchd breith. Chaidh iarraidh orra Armistice a thoirt seachad agus rinn iad e. An deigh a cho-chruinneachadh so de rudan a dh’ iarr sinn agus a rinn an Spàin, cha’n eil aig càirdean riaghladh na Spàin ach fhoighneachd dhe’n Phresident carson a tha e muidheadh air an Spàin le $50,000.000 ordachadh airson costas cogaidh, ’sa thug e na Consuls á Cùba, agus a chuir e fios thun a Chongress a dh’ iarraidh ughdarras air son arm a chur air tir ann an Cùba. ’Nuair nach deacha sian a dh’ iarr e a chur faoin ’no a dhiùltadh; aig cùirt eadar rioghachdan c’àit an seasadh a riaghladh an rannsachadh sin.” Agus a bharrachd air sin is iad na Geancaich fhein a bha cumail suas na ceannairc a dh’ aobharraich an cogadh. O chionn ghoirid thug President a Chuban Junta anns na Stàitean cùnntais air na fhuair iad de chuideachadh ann an armachd bho mhuinntir nan Staitean Aonaichte. Fhuair iad 36,000,000 cuairt de chartridges agus 75,000 de ghunnachan. Ghlac na Spàintich pàirt dhiu ach fhuair iad a mhor chuid dhiu ach fhuair iad a mhor chuid dhiu air tir ann an Cùba sàbhailte. Bha maoir nan Geancach as an deigh cuideachd ach bha iad daonan ro anmoch (gle choltach le ’n toil fhein) gus an glacadh, agus a bharrachd air sin is anns na Staitean Aonaichte ann an Tampa Florida a chaidh an t-ar-a-mach a bha ann an Cuba o chionn tri bliadhna a chur an òrdugh ’s a spreudadh suas an toiseach. ’S fhada bho’n a rachadh e bàs mur bhi an duil a bha aca ri cuideachadh bho riaghladh nan Staitean Aonaichte, agus bha e bàs cho mor an uair a thòisich an cogadh ’s nach robh aig an àm far seachd mile fo armachd an aghaidh riaghladh na Spàine. Bha sgriobhadairean nam paipearan buidhe a cur a mach gu’n robh suas ri ceithir fichead mile fo armachd ann an Cuba. Bhathar a creidsinn nan stoirinean so anns na Staitean gus an deacha fear de sgriobhadairean an New York Herald troimh Chuba agus an d’ thug e cunntas air ais, nach robh ach eadar coig agus seachd mile fo armachd an aghaidh an riaghladh agus gu’n robh iad sin sgapte an sid ’s an so gun chomas fuireach còmhla le cion airgid agus biadh. ’Nuair a chaidh na Geancaich an toiseach do Chuba bha duil aca gu’n tachradh na reubaltaich riu le feachd làidir aig a chladach agus nach ruigeadh iad a leas ach an armachadh gu math agus le cuideachadh na luingeas chogaidh gu’m biodh Cuba striochdte ann an seachdain. An àite sin cha do choinnich Cubanach iad ach duine an dràsda ’s a rithist a ghoideadh thun a chladaich. An sin ghabh an soitheach-trùp Gussie le feachd Geancach agus fear de sgaiobhadairean nam paipearan buidhe comhla riu gus an rathad a shealltainn daibh gu tir, ach bha feachd Spàinteach a tachairt riu anns gach àite agus thill iad gun duine a chur gu tir. Cha’n eil mi ’dol a sgriobhadh anns an litir so, oir tha i a cheana ro fhada, dad mu dheighin a chogaidh ach nach eil an diugh (Iun 16) air tir an Cuba ach sia ciad saighdear mara, a tha fo dhion ghunnachan mora pàirt dhe’n chàbhlach Gheancach a tha ann an Camus Guantanamo mu fhichead mile bho acarsaid Santiago far am bheil an càbhlach Spàinteach am fasgadh. Dh’ fhalbh an dé á Key West agus á Tampa Florida fichead mile saighdear fo chommand Sheanalair Shafter agus tha dùil aca an cur air tir an Camus Guantanamo. Dh’ fhalbh iad ann an ceìthir diag thar fhichead soitheach trùp agus ceithir diag de shoithichean cogaidh gus an geard. Tha fior ghearain aig pàirt dhe’n dùthaich air mar a tha pàirt dhe’n arm Gheancach, air droch bhiadh agus droch bhrògan, le aodaichean geamhraidh orra ’san dùthaidh bhlàth ud, agus nach d’ fhuair na saighdearan sgillin de phaidheadh fhathast. IAIN J. MAC RAING. Middletown, Conn., Iun 16, 1898. THE WANZER LAMP. [Dealbh] Cumaidh i Solus Riut, Bruichidh i ’m Biadh Dhut. Goillidh i ’n Coire Dhut. Tairnnidh i ’n Ti Dhut. Cha chosg i uiread olla ri lamp’ eile agus ni i solus moran na ’s fhearr. Gheibh thu ri ceannach i aig Caipt. Ruairidh Mac Neill, Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATHAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C, B ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. [TD 8] [Vol. 7. No. 1. p. 8] Eachdraidh na Fidhle. DO SHEANN FHIDHEALL CARAIDE. Fhidheall bheag, dhonn, na d’ chom tha chaithream, ’S ro fhonnmhor, fallain do theid, ’S tu ’n glacaibh do ghràidh fo sgath na talla Bhiodh càch ga d’ fhreagairt air sgéith; An cridhe cho aotrom, aobhach, allail— Làn sunnd ’us aighir gach ré, ’Se binneas do chiùil chur lùth ’s na casan, Na d’ chùirt aig glas-chinn. Hurrae! Tha thu air dàn ’s a Ghàilig airidh Na ’s fhearr na maide fo ’n ghréin; Chunnaic thu d’ la gun àireamh seallaidh Do chàch gun aithris mi sgeul— Gun robh thu ’sa Fhinn, bu bhinn nan tall’ thu, Feadh ghlinn ’us bheannaibh bho chéin, ’S ma ’s fhior na chaidh inns’ aig sitheach tamull, Chuir brigh na d’ bhallaibh nach tréig. Air chul na Roinn-Eòrp a frògan falaich An tos a dh’ abuich fo gheug; An gallan gun ghò bha bòidheach, fallain, A d’ òig bho ’n sgaradh tu fhéin. ’S le barrachd a chruaidhs bha tuagh is sgathair, Gun bhuaidh a cath ri le cheil’; Gu ’n d’ thainig bho ’n t-Suain mu thuath te ghlasadh A nuas a sgath i gu feum. ’M Beinn-Nibheis a bha an lan-damh maiseach A dh’ fhàs na chasan an fheith— Bha Oisean is cach le dha chu ghlasa Fad raidhe is la as a dheigh. Ma dheireadh aig bagh air shail rug Bran air, ’S gun dàil chaidh fheannadh gu feisd; Bha ’n fheith air a sparr ’s ann dh’ fhàs i daìngeann, Gu bràth cha ’n fhannaich i d’ theud. Bha cuid di ’san Airc ’n uair dh’ fhàg i ’n talamh, Bu thrath i ’n tarruinn gu feum; Bhiodh Noah le baigh gu h-ard ’sa mhaduinn Cuir tamh air madaidh na treud; ’Nuair ’chluinneadh iad ceòl cho glormhor, snasail, Be ’n dòigh gu smachd agus réit, Bhiodh sionnaich ’s uain òg air bòrd gun chasaid, ’S fa-dheòidh a’ cadal le chéil’. Bha ’m Brusach na òig air tòir na h-ainnir, ’S nuair leòn e Sasuinn gu leir Ghabh e ’na dhorn thu ’n coir an achaidh Nuair dh’ fhògradh dhachaidh na reub’— “Ghaidheala ’bha ’s na blàir le Uallas, Gu bràth do Shasuinn cha ghéill!” Gun cualas ’s an ar ’s gu bràth bi maruinn, ’S gach àite ’m fan sinn nan teid. Ghoideadh dha ’n Fhraing thu àm le garrach, Bha srann air gal as do dheidh; Bha Bonéy ’san àm a danns’ ri fhaillas ’S na Frangaich mar ris gu leir. Ach thainig an Diùc a mhùch gu bras iad Gaeh trùp ’s a chath dha gun ghéill; ’S thug e le sùrd thu null do Shasuinn, ’S bha diùmb a Mharsal na dheigh. Sgiobair an àigh! an Drac nach maireann, Na bhàta dh’ fhairich e t’ fheum; Ach chailleadh leis tràth thu ’n càir na mara, ’S a Spàin a cath ris be ’m beud; Ach thachair ’san uair te shluagh an aigail M’a chuairt, a ghabh thu ’s a ghleidh, ’S bu thrileanta t’ fhuaim dol suas ’s gach clachan ’S an sluagh le caithream a leum. Bha Calum le lion ag iasgach langain, Nios ’nuair thainig a bheisd; Bha leth dhi na h-iasg is trian na h-ainnir Bu chiatach earrag gun eis; Bha fidheal nam buadh na cuaillean daingeann ’Sa bhuaidh cha dealaich ’s cha treig, ’Nuair chuir e i suas gun cual le dealas An sluagh bha ’m Barraidh gu leir. Ach cha robh saorsna ’n taobh sin mairionn, An null do Chanada theid Do bhogha ri d’ thaobh ’s do ghlaodh cho fallain, Cha chochail callan do theid, Bi cuspairean ùr ’san ùr-ait allail A dhùisgeas t-anam gu gleus, ’S gun idir thu ’n cùis ’s gach cuirt a fan thu Do dh’aon a dh’fharraideas sgeul. Tha cuid bheir le pròis air orgain tarsuinn, Cha tròigh ort orra gun fheum ’S cluinnear aig pairt piano ’n fhasain, Cha ’n fhearr na asal a bheuc; Si ’n fhidheal bheag dhonn neo-throm bu mhath leinn Tha fonnmhor, farumach, réidh, Gu fileanta, siùbhlach, ciùin, gun drannadh S ro’ mhùirneach lasaidh do chleibh. Ma ghabh am fear-iùl car mùtach d’anail Gu faoin gun car e do chluas, Teicheidh gach gaoid ’s gach gruid bho’ d’ sgamhan, Cha chumh’inn e d’ ailleagain chruaidh; ’N sin their e buig do thuisear lasaidh Gun trosg am barrachd ’o d’ chuan, Na shruthain ghlan chaoin, gu gaol g’ar tarruinn, Bu tachan mar riut a chuach. Bi calleagan òg, la deòin nach fannaich, An toir air caithris do ghlaodh; ’S tu bheireadh a do d’ sheomar ’s fasain ’Sa dh’ fhògradh cadal bho’n sùil, ’S tu lasadh mar dhreòis gun sgliò gun smalan, Gun phròis gun fharran an gnuis, A ceumadh na’m bòrdaibh òrdail daingean Bi ’n còmhnaidh rath na do chùirt. Chruinnich dha’n spòrs fir-oga bhaile Fir-stolda lasaidh do ’n aog, Ta chuid aig ’eil corr ’sa’ choir ri chantuinn, Le beoth’s do bhras-phort, gun duin. Chuid’ tha fo bhròn gu fògair lasgar— Do chomhraidh gasd e na’n saoil, ’S a chuid bhios ri pòit; do shòlas-aigne Bho ’n stop an tasdan gun cum. A chuid a tha fann aig ceann an tamuill ’S an ceann a teannadh ri ’n glùin, Bi toileach san àm ’san cainnt tigh’nn thairis Gu tràng air balaistean aosd. ’N uair dh’ fhuasgladh am bann, bi deann ’sa mhalairt, Be annsachd thachairt ’s an fhraoch, Feadh beannaibh ’us ghleann gu teann tha ’n aire Mar mheall thu dhachaidh na laoich. Bi seann mhnathan coir aig bord na d’ thalla Sa chloimh ’si paiste ri ’n taobh Air laithean an òig ’s air doigh an ama, An coir a chladaich tha ’n smaoint’. Dhuisg thu dhaibh stor ni stori barraicht Iad og car tacain ga chionn, Ag imeachd ma ’n chro ’sa mhointich mhamich, ’S fo chroie a bainne chruidh-laoigh. ’S tim dhomh toirt suas dheth d’ bhuadhan aithris, Ma ’n cruach mi thairis a chuis, Ach guidheam dhut luaidh, bhios uaill aig ’asad Do’n snuadh cha chlais reas a le aois. ’S tu fidheall na ’m buadh, gach uair bhios mairionn, Gu gluasad smalan gu muirn, Cha’n fhairich sinn fuachd ’san tuath ged thachair, Ach t-fhuaim bhi fagus ri ’r taobh. SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 9] [Vol. 7. No. 2. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 5, 1898. No. 2. CLAMBAR NA H-AIRDE ’N EAR. Tha China ’dusgadh suas agus a’ faicinn gu feum i gaisge laidir a dheanamh airson a saorsa, agus a daoine, ’s a criochan a dhion bho gach neach ’us rioghachd a tha le dànachd narach a gabhail coir air cuibhrionn an sud agus an so le laimh ainneartach, de ’srathan, ’s a puirt, ’s a h-aimhnichean. Tha ’daoine òga ’s a h-oileanaich gle mhi-thoilichte gu tug luchd-riaghlaidh an dùthcha, le foill no ann an amaideachd uamhasach, seachad coirean fiachail do Ruisia—leomhann garg na h-airde tuath. Thainig teachdaireachd gu bheil Breatunn a’ dol a thabhairt cuideachaidh sonruichte do China. Theid, mar so, cabhlach a chur ann an uidheam ceart, treubhach, ’us theid a daoine fein le eud ’us fo stiuradh shaighdearan ealanta ’s lamhach, a thogail fo inbhe iosal gu inbhe ard, fearail. Bithidh, air an doigh so, feachd lionmhor, duineil mearganta aig China i fein ann an uine ghearr, airson a h-ainm ’s a criochan a ghleidheadh bho chumhachd ’us bho smachd a naìmhdean. Rinn an ceannard foghainteach Citchener, le dragh ’us dichioll anabarrach, saighdearan gasda de na h Eiphitich, ged nach robh annta ach daoine bog, gealtach, roimhe. Tha iad a’ nochdadh gaisge ’s cruadail a tha iongantach agus airidh air cliu, anns gach stri ’s cogadh a tha Citchener a’ deanamh, chum gu faigh e ughdarras thairis air an dùthaich a tha mu dheas de ’n Eiphit. Cha ’n fhada gus am faigh e lamh an uachdair air Cartoum, far an do chaochail an ceannard Gordon, no far an deachaidh a chur gu bas leis na daoine iargalta ’bha tuineachadh anns a chearna ud, agus a rinn aramach an aghaidh na h-Eiphit. Tha e tiamhaidh dhuinn a bhi ’cuimhneachadh gu deachaidh an ceannard treubhach, àluinn, Gordon, a chur gu bàs, o’n nach tainig am feachd Breatunnach ann an àm gu Cartoum, airson fuasgladh agus tearuinteachd a thabhairt da. Bha e ann an China re uine mhor, agus fhuair e meas ’us cairdeas nan Chineseach. Chuir e an ordugh feachd lionmhor, dealasach, agus theagaisg e fein daoine China gu bhi ’n an saighdearan lamhach, neo-sgathach, meamnach, d’ am b’ aithne agus aig an robh comas air naimhdean an dùthcha fein a chiosnachadh ann an stri nan lann. Tha luchd-riaghlaidh Bhreatuinn glic ’us firinneach. Tha China fiosrach gu leor an diugh gur e cairdean dileas, ceart di fein, a tha ’n luchd-riaghlaidh Bhreatuinn. Fo stiuradh ’us le teagaisg nan ceannardan a chuireas Breatunn do China, eirichidh gu luath iomadh mile saighdear tapaidh agus gheibh i iomadh long-cogaidh a chumas gach acarsaid, ’us port, ’us amhuinn a tha fathast aice. Rinn an Fhraing oidheirp fhuaimneach o chionn beagan bhliadhnachan air sealbh ’fhaotainn no ’ghabhail le faobhar a’ chlaidheimh air cuibhrionn farsuing de ’n taobh mu dheas de China. Chaill i moran saighdearan agus chosd i uamhas airgid anns gach cogadh mi-onorach a bha aice le China. Tha na Frangaich daonnan deidheil air cliu ’s urram a chosnadh airson an euchdan air muir ’s air tir. Tha iad aig an àm so, mar an ceudna, ’sineadh a mach an lamh ladarna chum gu faigh iad tuille de mhaoin ’us de fhearainn China. Mar tha ’n sean fhacal ag radh: “Cha ’n eil mu thimchioll China ach an duine a’s modha ’s a’s mosaiche.” Tha Ruisia, ’s an Fhraing, ’s a’ Ghearmailt a tabhairt sgairbh a creag doibh fein. Is ì Breatunn a mhain a tha eudmhor as leth saorsa ’s soirbheachaidh China. Is e da rireadh, Iompaire iongantach a tha ann an Iompaire na Gearmailt. Ma tha Iompaire China ’giulan an ainm Mac Nèimh, tha Iompaire na Gearmailt a’ creidsinn gur ann bho Righ nan Righrean a fhuair e cumhachd agus ughdarras a bhi ’riaghladh thairis air na Gearmailteich gu leir. Cha ’n eil aig àrd no iosal ’n a rioghachd, coir air bith a reir a bheachd fein, air comhairle ’thabhairt da no air coire air bith ’fhaotainn do ni air bith a tha e ’deanamh, no do fhocal air bith a labhras e. Mur faigh e barrachd gliocais ’us faicill na bhuineas da a nis, leis gach òraid amaideach a tha e ’liobhairt ’us leis gach gniomh neo-ghlic a tha e ’deanamh, cuiridh e fa-dheoidh as a cheile an rioghachd àluinn, cumhachdach a thog a sheanair ’us ’athair suas, le comhnadh ’us innleachd anabarrach Bhismarc. Is e run suidhichte ’n Iompaire rioghachd laidir a dheanamh de ’n Ghearmailt agus cuideachadh mor ’us feumail a thabhairt do mhalairt iomadach na rioghachd. Tha Sultan mosach nan Turcach agus e fein, ’n an cairdean dileas, dluth da cheile. Thug an Sultan cead da curam a ghabhail de chomhnardan Asia na h-airde ’n iar,—dùthaich a bha iomraiteach ann an laithean Homair fein, airson gach beartais, ’us bòidhcheid, ’us luis, ’us arbhair, ’us maoin a bhuineadh dhi. Tha Gearmailtìch a nis gle lionmhor anns an tir so, ’s tha iad ag aiseag air ais d’a comhnardan, d’a cnoic ’s d’a leargan, gach toradh ’us barr greadhnach a bha aice bho aimsir fad’ air chul. Tha malairt na Gearmailt a’ faotainn aoidheachd shuilbhir anns a chearna so de rioghachd an t-Sultain. Tha iarrtus diongmhalta aig an Iompaire air cabhlach laidir a bhi aige. Is e run a chridhe gu bitheadh iomadh long-cogaidh aige fo ’smachd agus daonnan ealamh chum a thoil a dheanamh. Thionndaidh e aire gu China, ’s thar leis gu faodadh e, cosmhuil ri Ruisia, eagal no sgath a chur air Iompaire China, ’s air greim a dheanamh air cuid de ’n tir so. Chuir e ’bhrathair, am Prionnsa Eanruig, le da shean long-cogaidh do China, chum gu faigheadh e seasamh, ’us ainm, ’us leth-sgeul a thoil fein a riarachadh am measg dùthchannan ’us eileanan na h-airde ’n ear. An uair a bha Prionnsa Eanruig a’ fagail na Gearmailt le dha long-cogaidh, rinn an t-Iompaire òraid uaibhreach, amaideach, air am bheil an saoghal a’ deanamh gaireachdaich mhagaidh. Tha aig na Spàinntich thruagha eileanan anns a chuan leathunn, a tha aig an àm so, ann an tomhas co dhiubh, fo ughdarras nan Stàidean. Cha ’n eil an cogadh eadar na Stàidean ’us an Spainn a’ dol air aghaidh ach gle mhairnealach. Cha d’ rinn na Stàidean fathast moran gaisge no euchdan, agus cha ’n eil na blair no na buaidhean a choisinn iad ach tearc gu leoir. Ma chinneas leo ’s ma ni iad oidheirp air na h-Eileanan Philippianach a ghleidheadh doibh fein, tha Iompaire na Gearmailt a’ cur roimhe nach faigh na Stàidean an toil fein anns an stri so. Tha na Iapanaich a’ gleusadh an airm-cogaidh, oir ged bha comhstri fhuileachdach aca le China, cha ’n eil toil air bith aca gu rachadh ughdarras China ’cur bun os cionn. Ma dh’ fhaoidte gu bi Breatunn ’us na Stàidean, ’us na Iapanaich, anns na laithean a tha ri teachd, ag obair le cheile anns an airde ’n ear air sgath ceartais, ’us saorsa, ’us onoir. Tha siun a’ faicinn o latha gu latha gu bheil luchd-riaghlaidh Bhreatuinn deas, glic, stolda; gu bheil iad dileas do mhalairt ’us do choirean Bhreatuinn; agus gu bheil iad a’ trusadh spionnaidh airson stad a chur air clambar na h-airde ’n ear, agus airson dorus fosgailte ’ghleidheadh doibh fein agus do mhalairt Bhreatunn ann an China tuath ’us deas. CONA. EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH. Braidalbainn. Bha luchd-àiteachaidh Bhraidalbainn air an tabhairt gu eolas air a chreideamh Chrriosduidh mu dheireadh an t-seachdamh linn, le duine diadhaidh a thainig a nall á Eirinn d’ am b’ ainm Faolan. Bha ’n duine so, a reir cùnntais, ’na mheadhon air caochladh mor a thoirt air an t-sluagh, cha’n e mhàin ann a bhi toirt eòlas spioradail dhaibh ach mar an ceudna le bhi teagasg dhaibh an talamh àiteachadh agus taighean-còmhnuidh comhfhurtail a thogail dhaibh fhein. Bha tri àiteachan-aoraidh aige ann an Gleann Dochairt. Tha na làraichean air an comharrachadh a mach le sluagh na tìre gus an latha ’n diugh. ’S e Cuildeach a bh’ ann a Faolan. Bha e de’n aon eaglais ri Calum-Cille, a thainig do dh’ eilean I anns a bhliadhna 563 A. D. Ach tha sinn an so gu bhi toirt cunntas air Caimbeulaich Bhraidalbainn. Tha ’n eachdraidh a dol air ais gu faisg air àm Raibeart Bhruis. Bha Sir Donnachadh Caimbeul, an coigeamh MacCailean Mor, pòsda ri Marsali nighean Raibeart Diuc Albani mac do Righ Raibeart II. Bha dìthis mhac aige uaithe, Gilleasbuig a bha ’na oighre air féin an Earraghaeil, agus Cailain. Thug ’athair do Chailein Gleann Urchaidh mar sheilbh. B’e Cailean so a cheud aon de theaghlach Bhraidalbainn. Theirte Cailean Dubh na Ròimhe ris do bhrigh gu ’n d’ fhuair e cuid de fhoghlum anns an Ròimh. Bha Cailein Og Earraghaeil, mac a bhràthar aige ’ga thogail agus a toirt foghlum da. Bhuin e cho uasal ris air a h-uile dòigh ’s gu’n d’ fhuair e cliù nach bu bheag air a shon. Phòs Cailean Ghlinn Urchaidh nighean Iarla Lenocs ach chaochail i gun sliochd. Bha e ’na bhantraich an uair a chaidh Iain Stiubhart Lathairn a mhurt. Fhuair triuir nighean an Stiubhartaich greim air còirichean oighreachd an athar ’s theich ìad leo. Fhuair iad fasgadh am measg nan Caimbeulach; agus ’s e bh’ ann gun do phòs an da Chailean an dithis pheathraichean ’s mar sin chaidh trian de Lathairn ri oighreachd gach fir diu. ’S e Mairearad a b’ ainm do ’n te a phòs Cailean Ghlinn Urchaidh (Braidalbainn). Uair de na h-uairean a bha Cailean air falbh an tir chéin thog a Bhan-Stiubhartach Caisteal Chill-Chuirn an Gleann Urchaidh. ’Nuair thill a companach dhachaidh bha ’n caisteal ùr togte. Phòs e a ris an [TD 10] [Vol. 7. No. 2. p. 2] deigh bàs Mairearaid Stiubhairt agus bha mic agus nigheanan aige. Thug e gu ceartas mortairean Righ Seumas I (Colquhon agus Chambers) ni air son an robh e air a dhuaiseachadh gu maith leis an righ òg. Tha eachdraidh a toirt cùnntas air gu’n robh e ’na dhuine curanta, dileas agus fialaidh. Chaochail e anns a bhliadhna 1498 ann an làn aois agus fo mhor mheas, agus bha e air adhlacadh an Caibeal Muire ann an Fionn-Laraig, aig ceann an iar Loch Latha. ’S e so àit’-adhlaic an teaghlaich anns gach linn bho’n uair sin. Thainig a mhac SIR DONNACHADH a stigh air an oighreachd ’na àite. Bha e pòsda ri Mairearad Doughlas, nighean Iarla Angus. Bha cloinn Ghriogair croiseil gu bhi togail chreach, agus bhiodh iad gu math tric a tighinn a nuas air muinntir Bhraidalbainn ’s a sguabadh leo crodh is caoraich is eich nan Caimbeulach. Chaidh Sir Donnnachadh a mach air tòir nan Griogarach le feachd agus bhuadhaich e thairis orra. Chaill na Griogaraich moran de ’n cuid fearainn air thàileibh sìn. Tha an Robertsonach ag radh ’na eachdraidh, gu’n robh e ’na lagh an Alba o shean gu’m bu leis fhein na bheireadh duine mach leis a’ chlaidheamh. Dh’ aobharraich sin gu’n robh na fineachan bu treasa, anns gach stri a bh’ ann, a sior dhol ni bu chumhachdaiche le ’bhi buadhachadh thairis air na finneachan bu laige. Thuit Sir Donnachadh maile ri Seumas II. ann am blàr fuilteach Flodden anns a bhliadhna 1513. Thainig a mhac SIR GAILEAN ’na àite. Bha Cailean ’na dhuine uasal aig an robh modh ’us àrd ionnsachadh. A thaobh a mhàthar bha e ’n dlùth-dhaimh do Iarla Angus, an Dughlasach cumhachdach; agus thainig e gu bhi ’n cleamhnus ri teaghlach cumhachdach eile le e phòsadh nighean Iarla Athol, leth-bhràthair do Righ Seumas II. Bha triùir mhac aige, Donnachadh, Iain, agus Cailean. Thainig iad uile, aon an degh aoin thun na h-oighreachd. An deigh bàs Shir Cailean thainig SIR DONNACHADH, am mac bu shine a dh’ ionnsaidh na h-oighreachd. Phòs e Mairearad, nighean Colquhoun tighearna Lus. Cha robh de theaghlach aca ach aon nighean. Chaochail Sir Donnachadh anns a bhliadhna 1534. Thainig a bhràthair SIR IAIN a dh’ ionnsaidh na h-oighreachd na àite. Bha e pòsda ri ban-Ghall agus cha robh de theaghlach acasan ach dithis nighean. An deigh a bhàis thainig a bhràthair SIR CAILEAN thun na h-oighreachd. Bha e ’na bhall pàrlamaid air son àireamh de bhliadhnaichean. Phòs e Caitriona, nighean Uilleam tighearna Ruthbhen. Bha ceathrar mhac aige agus ceathrar nighean. Dh’ éug Sir Cailean anns a bhliadhna 1584. Bha e ’na dhuine glic agus air an robh mor mheas ’na latha féin. Bha e beò ri linn Ban-righ Màiri ach chum e mach as gach trioblaid agus buaireas a bh’ anns an tir aig an àm ud. Cha’n eil sinn a faotainn gu’n ghabh e mor ghnothuch ri taobh seach taobh anns a chòmhstri mhi-fhortanach leis an an robh an rioghachd air a luasgadh aig an àm ud. SEANA BHEACHDAN AGUS SEANA CHLEACHDAIDHEAN. Earrann III. LEIS AN URR. IAIN MAC RUAIRIDH. Mu’n d’ fhalbh e, dh’ òl e lan no dhà na slige gus lùths is beothachadh a chur ’na chom agus mìsneach a chur ’na chridhe ’s ’na inntinn. Air eagal gu’n tachradh duine sam bith ris air a thilleadh, ghabh e an rathad a b’ uaigniche a b’ urrainn e thaghadh. An uair a bha e mu leitheach rathaid, chual’ e an ceòl a b’ àille ’s bu bhinne a chual’ a chluas riamh. Thuig e anns a’ mhionaid gur ann ’s an t-sìthean a bha ’n ceòl. Bha e gu nàdarra ’na dhuine a bha gu math saor o fhiamh ’s o eagal, agus air shàilleamh na dh’ òl e mu ’n d’ fhalbh e as a’ bhothaig, bha e ’g a fhaireachadh fhein cho làidir ’s cho misneachail ’s nach cuireadh na bha de shìthichean ’s de “ghaugearan” anns an t-saoghal biorgadh eagail air. Ghabh e dìreach thun an t-sìthean. Mu’n deachaidh e steach stob e an sgian ann an ursann an doruis. Bha ’n t-ancar uisge-bheatha a cheannaich e ann an cliabh air a mhuin, agus o ’n a bha toil aige faighinn dhachaidh mu’n soilleiricheadh an latha, cha do leig e dheth an cliabh idir, ach sheas e far an robh e faisge air an dorus fhad ’s a bha na sìthichean a’ deanamh aon ruidhle dannsa. An uair a sguir an dannsa ghrad thill e ’mach, agus thug e an sgian as an ursainn, agus thug e ’aghaidh air an taigh. Ar leis nach robh e bhar ceathramh na h-uarach, air a chuid a b’ fhaide, anns an t-sithean. Choisich e dhachaidh le deadh cheum. An uair a thainig e ann an sealladh an taighe, ghabh e ioghnadh nach robh e ’faicinn soluis as. Bha e ’smaointean gu’m faodadh tinneas a bhith ann, o ’n a bha dùil a h-uile latha ri leasachadh teaghlaich. Rud eile dheth, bha e ’smaointean gu’m bu chòir do neach eiginn a bhith air a chois codhiubh o ’n a bhiodh dùil aca ris fhein dhachaidh. An uair a ràinig e an dorus fhuair e air a chrannadh gu teann e. Ghrad bhuail e an dorus gu cruaidh, agus ghlaodh e riutha a ghrad leigeadh a steach. Bha ’bhean ’na cadal gu trom anns an leabaidh ’san àm, ach an uair a dhùisg am bualadh ’s a’ ghlaodhaich i, ghrad dh’ éirich i a dh’ fhosgladh an doruis. Mu ’n do dh’ fhosgail i e, thuirt i, “Co sid?” “Tha mise,” ars’ esan, “fosgail thusa an dorus. Tha mi seachd sgìth a’ giùlan an eallaich so o thàinig an oidhche.” “Feumaidh mi fios fhaotainn cò th ann mu ’m fosgail mi ’n dorus,” ars’ ise. “Gu sealladh ni math ort,” ars’ esan, “am bheil thu idir ’gam aithneachadh? Nach ’eil fhios agad gu’ n dubhairt mi riut an uair a dh’ fhalbh mi anamach an raoir, gu ’n tillinn cho luath ’s a gheibhinn mo ghnothach? Tha mi air mo shàrachadh fo ’n eallach so ’s e air mo dhruim o’n a dh’ fhalbh mi as a’ Ghleann Mhor mu mheadhain oidhche.” “Cha ’n fhosgail mise an dorus gus am bi fhios agam co tha ’g iarraldh a steach,” ars’ ise, is i air chrith leis an eagal. “An ann as do chiall a tha thu?” ars’ esan, “cha’n fhaod e bhith gu’n do dhichuimhnich thu mi. Is mise d’fhear-pòsda. Greas air an dorus fhosgladh.” “M’ fhear-pòsda!” ars’ ise ’s i ’freagairt. “Tha latha ’s bliadhna o ’n a dh’ fhalbh m’ fhear-posda-sa as an taìgh. Cha’n ’eil dùil agam ri sealladh dhe ’ghnùis fhaicinn gu brath tuilleadh. Cha’n ’eil slochd no cnochd, garabhlach no comhnard, allt no bòrd locha, nach do shiubhail sinn ’g a iarraidh, agus cha d’ fhuair sinn a bheò na ’mharbh. Mur do shluig an talamh e, no mur do thog an t-adhar e, cha’n ’eil fhios ciod a dh’éirich dha.” “An ainm an àigh, a Mhairi, sguir dhe d’ bruidhinn ’s leig a steach mi. Cha ’n e so àm gu bhith ’deanamh spòrs is feala-dha air duine bochd a th’ air a shàrachadh idir. Tha uair aig an achasan is àm aig a’ chéilidh,” Bhuail e anns a cheann aig Mairi gur e tathasg Dhomhuill a bh’ ann, agus chaidh i air chrith leis an eagal cho mòr ’s nach b’ urrainn i an dorus fhosgladh ged a bhiodh toil aice. Ach an uair a chual’ i bhith breabadh an doruis, dh’ aithnich i gu ’m bu duine saoghalta ’bh’ ann. Dh’ fhosgail i an dorus, ach o ’n a bha ’n latha gun teannadh ri soilleireachadh, cha b’ urrainn i a dheanamh am mach co bh’ ann. Mu ’n do thair i sealltainn uice no uaipe chaidh Domhull a steach. Leig e dheth an cliabh air bathais an ùrlair. Ghrad las Mairi an crùisgean, agus ciod a b’ iongantaiche leatha na a fear-pòsda fhein fhaicinn beò, slàn m’a coinneamh ’na sheasamh air an ùrlar! “Ach c’ àite air an t-saoghal an robh thu o chionn bliadhna, ’Dhomhuill? ars’ ise. “Cha ’n ’eil e coltach gu’n robh sùim agad dhiomsa, no dhe ’n leanabh a bha fhios agad a bh’ air mo ghiùlan, an uair a dh’ fan thu fad bliadhna gun tighinn an còir an taighe. Cha ’n ’eil fear eile ’san dùthaich a dheanadh a leithid. Cha robh thu fad’ air falbh an uair a dh’ fhàs mise tinn le anshocair chloinne.” “B’ fhearr leam gu ’n sguireadh tu dhe d’ bhruidhinn gun dòigh. Am bheil thu ’n dùil gu’n creid mise bruidhinn dhe ’n t-seòrsa sin? B’ fhearr dhuit gu mòr greasad air gréim bidh a dheasachadh dhomh. Ged a fhuair mi mo dheadh shuipear o na gillean còire beagan mu’n d’ fhalbh mi gu tighinn dhachaidh, cha mhòr a th’air faighinn dheth an dràsta. So, so; greis ort, agus faigh gréim bìdh deiseil a dh’ itheas mi. “Cha’n ’eil thu agad fhein, a Dhomhuill. Is math a tha fhios agad gu ’m bheil latha ’s bliadhna o ’n a dh’ faalbh thu. Agus mur ’eil thu ’gam chreidsinn-sa, seall do’n leabaidh ud shuas, agus chì thu do mhac ’na chadal innte. Tha e bliadhna dh’ aois an diugh fhein.” Eadar a h-uile connsachah is comhradh a bh’ aig Domhnull ris a mhnaoi, cha d’ thug e an aire gu’n d’ thàinig atharrachadh mòr air a cumadh o ’n a dh’ fhalbh e. An uair a sheall e ceart oirre ghrad thuig e gu’m feumadh gu ’n robh e na b’ fhaide air falbh na bha e ’n dùil. Gun fhacal a ràdh thog e leis an cruisgean bhar an stuib air an robh e ’n crochadh, agus chaidh e far an robh an leanabh ’na chadal ’s an leabaidh. Bha aois bliadhna de mhac cho mor ’s cho tlachdar ’s a chunnaic e riamh ’na chadal gu séimh, socrach anns an leabaidh. “Is e so mo mhac gun teagamh. Tha e cho coltach ri Alasdair mo bhràthair ’s a tha ugh ri ugh.” arsa Domhull gu beag ris fhein. Chrom e as a chionn agus thug e pòg dha. “Tha ’chùis coltach, a Mhairi,” arsa Domhull, “gu ’n robh mise ùine mhòr na b’ fhaide air falbh na bha mi ’n dùil. Tha ’n gnothach a th’ ann a’ cur mòran ioghnaidh orm. Innsidh mi dhut a h-uile car mar a thachair dhomh. Ràinig mi mu thràth suipearach a bhothag. Agus an uair a ghabh sinn ar suipear ’s a leig mi greis dhe ’m anail, dh’ fhalbh mi ’s am buideal air mo mhuin anns a’ chliabh. Air eagal gu ’n tachradh duine sam bith rium an àm dhomh bhith tilleadh dhachaidh, chomhairlich Eoghainn Mòr dhomh gabhail a h-uile ceum ri srath na h-aimhne duibhe gus an ruiginn gualann Beinn a’ bhric, o ’n is e rathad a’s uaigniche a th’ eadar so ’s an Gleann Mòr. An uair a bha mi falbh o ’n bhothaig ’s an cliabh air mo mhuin, thug Eoghainn Mòr dhomh luma làn na slige dhe ’n stuth bu treise a bh’ aca anns a’ bhothaig. Thuirt e, “Ol a h-uile deur dheth, ’Dhomhuill. Is fheairrd thu fo d’ aisnidh e. Bheir e misneach dhut gus a dhol ann an dàil Cailleach Beinn a’ bhric, ma thachras i riut air an rathad.” “An uair a bha mi ’dol seachad air an t-sithean a th’ eadar an amhainn dubh agus a’ bheinn, chuala mi ’n ceòl bu bhinne a chuala mo chluas riamh. Chunnaic mi dorus an t-sìthean fosgailte; stob mi an sgian anns an ursainn, agus chaidh mi steach. O ’n a bha cabhag orm cha do leig mi dhiom an cliabh idir. Cha robh mi ’nam sheasamh ach fhad ’s a bha na sìthichean a’ deanamh aon ruidhle dannsa. Ar leam nach robh mi na b’ fhaide ann na ceathramh na h-uarach. An uair a thàinig mi ’mach, bha ’n oidhche cho dorcha ’s a bha i an uair a chaidh mi steach. Is iomadh uair a chuala mi nach fhairicheadh daoine an ùine ’dol seachd anns an t-sithean, agus ged nach robh mi ’g a chreidsinn, tha e coltach gu’m bheil e fìor gu leòr. [TD 11] [Vol. 7. No. 2. p. 3] “Ach tha rud no dhà ann nach ’eil mi idir a’ tuigsinn,” arsa Domhull ’s e cur a làimhe air ’fhalt ’s air ’fheusaig. “Tha fhios agad gu’m b’ àbhaist dhomh a bhith ’bearradh m’ fhuilt uair ’san dà mhios, agus a bhith toirt ’dhìom na feusaig uair ’s an t-seachdain. Ach ma bha mi bliadhna air falbh mar a tha thus’ ag ràdh, nach iongantach nach d’ fhas m’ fheusag is m’ fhalt mar a b’ àbhaist dhaibh. Agus a bharrachd air so, cha d’ fhairich mi aon chuid sgios no acras no cadal fhad ’s a bha mi anns an t-sìthean. Tha h-uile rud a th’ ann a’ cur anabharr ioghnaidh orm.” “Biodh ioghnadh ort no na bitheadh is e an fhirinn a tha mise ’g innseadh dhut. Agus mur creid thu mise, cha ’n fhaod e bhith nach creid thu na coimhearsnaich. Gheibh mise fianuisean gu leòr a sheasas air mo thaobh.” “Foghnaidh sid an dràsta,” arsa Domhull. “Greas thusa air a bhiadh a dheanamh deiseil. Tha’n t-acras gus mo tholladh.” “Cha’n ’eil ioghnadh ann ma tha thu gun ghreim o chionn bliadhna. Cha bhi mise fada deasachadh bìdh dhut.” “Thug Domhull làmh air gimileid, agus tholl e am buideal uisge-bheatha, agus an uair a shuidh iad aig a’ bhiadh dh’ òl e fhein is Màiri air a chéile.” Air an latha sin fhein ghairmeadh na dlùth-chairdean agus na coimhearsnaich gu cuirm do thaigh Dhomhuill, agus dh’ oladh deur math dhe na bh’ anns a’ bhuideal mu ’n do dhealaich iad ri ’chéile. Bha na Gàidheil a’ creidsinn mar an ceudna gu’n robh eòin shìthe ann. B’ iad so, a’ chuthag, an treabhna, agus an clachairean. Bha iad a gabhail beachd nach robh na h-eòin so ri ’m faicinn ach aig àm àraidh dhe ’n bliadhna. Agus o nach robh fhios aca gu’n robh iad a’ falbh as an duthaich so, an uair a thigeadh am fuachd agus a’ dol do dhùthchannan fad as gus an tigeadh aimsir bhlàth na bliadhna, bha iad a’ smaointean gur ann do na sìtheanan a bha iad a’ dol. Cha mharbhadh iad a h-aon dhe na h-eòin so air son rud sam bith. B’ e an clachairean a’ cheud aon a thigeadh dhiubh. Bha h-uile duine a’ gabhail beachd sonraichte air an àite anns am faiceadh e a’ cheud fhear dhiubh. Nam faicteadh a’ ’na sheasamh air talamh glas, co dhiubh a b ann air garadh phloc no air comhnard lom, no air iteig, bhiodh e ’na chomharradh do ’n neach a chitheadh e, gu’m biodh gach cùis gus a dhol leis gu math fad na bliadhna. Ach nam b’ ann air cloich lùim a chìtheadh e e, bhiodh e ’na chomharradh nach biodh soirbheachadh aige fad na bliadhna. B’ i a chuthag an ath aon a thigeadh. Cha bu toigh le neach sam bith a cluinntinn a’ gairm an uair a bhiodh i air ùr-thighinn, mu ’n itheadh e biadh. Theirear an greim cuthaig ris a’ bheagan bìdh a bhios daoine ’gabhail gu math moch ’s a’ mhadainn gus an latha ’n diugh. Tha ’n rann a leanas a’ dearbhadh dhuinn gu ’n robh na nithean so air an làn-chreidsinn ’s an àm a dh’ fhalbh:— “Chuala mi ’chuthag ’s gun am biadh ’nam bhroinn, Chunnaic mi ’n clachairean air cloich luim, Chunnaic mi ’n t-seilcheag air talamh-toll, Chunnaic searrach seann làradh ’s chùl rium, ’S dh’ aithnich mi nach rachadh a’ bhliadhna leam.” Bu ghlé thoigh le daoine an treabhna a chluinntinn; oir cha chluinnear a guth sgreagach gus am bi cinneas math air feur ’s air fochann. Ach ged bu toigh leotha ’faicinn tuilleadh is dluth air na dorsan. Agus idir cha bu toigh leotha ’cluinntinn, cha bu toigh leotha ’faicinn an taobh a staigh de dhorus taighe. Nam faicteadh an taobh a staigh de dhorus taighe i, dh’ fhaoidteadh bhith cinnteach gu ’n tigeadh air muinntir an taighe an imrich a dheanamh mu’n tigeadh crìoch air a’ bhliadhna. O chionn àireamh mhòr bliadhnach an thòisich daoine am bithdheantas ri bhith cur teagaimh gu ’n robh sìthichean is eòin-shìthe ann. Anns an àm so, cha ’n fhaighear ach gann duine ann an àite sam bith a chreideas gu ’n robh iad riamh ann. Agus cha ’n fhaighear duine idir a chreideas gu ’m bheil iad ann a nis. Cha ’n ’eil duine an diugh beò a chunnaic no ’chuala riamh iad. Cia mar a thàinig daoine gu bhith ’creidsinn nach ’eil ’s nach robh sìthichean is eòin-shithe ann? Cia mar a dh’ fhuadaicheadh na beachdan faoine so air falbh a measg an t-sluaigh? Dh’ fhuadaicheadh iad le eòlas air nithean aimsireil agus spioradail. Ged a tha ’n soisgeul glé chumhachdadh gu beachdan faoine agus cleachdaidhean amaideach fhuadachadh air falbh a cridheachan dhaoine, cha b’ e ’na onar a dh’ fhuadaich na sìthichean as ar dùthaich. Rinn an t-eòlas a fhuair daoine air cumhachdan agus air obair nàdair faisge air a cheart uiread a dh’ fheum anns an dan dòigh so. Is minic a chunnaic daoine aig an robh eòlas mòr air an t-soisgeul, agus a bha eadhoin ’nam fior chreidmhich, a bha air a’ cheart àm a’ toirt tomhas de gheill do gheasalanachd agus do bheachdan faoine eile. Tha sinn, air an aobhar sin a’ creidsinn gu ’n d’ rinn na maighstirean-sgoile, cho math ris a’ chléir, mòran a chum iomadh beachd faoin agus amaideach ’fhuadachadh a measg nan Gàidheal. (A’ chrioch.) TIGH IAIN GHROAT. ’S e an tigh iomraiteach so an t-àite còmhnuidh a’s fhaide mu thuath tha ann an Albuinn. ’S iomadh aon a chual’ iomradh air Tigh Iain Ghroat, ach a tha aineòlach air an doigh air an d’ fhuair e an t-ainm so. Ri linn Rìgh Séumas an IV., thàinig triùir bràithrean—Calum, Gabhin, agus Iain De Groat; oir ’s e so an dòigh air an robh an sloinneadh air a sgrìobhadh ’s an àm sin. Thàinig iad so do Ghallaobh o’n taobh deas, le litir o’n Rìgh, air a sgriobhadh ann an Laidinn, do mhuinntir an taobh tuath, g’ am moladh, agus ag asluchadh caoimhneis as an leith o uaislibh na dùthcha. Cheannaich iad fearann ’s an àite. Bha an oighreachd eatorra, agus bha an càirdeas bu làidire aca d’ a chéile. Ach mheudaich Clann Ghroat gus an robh ochd teaghlaichean dhiubh ann air fad; agus an sin thoisìch connsuchadh agus farmad eatorra mu thimchioll roinn an fhearainn, agus gu h-àraid mu dhéibhinn an fhir ’nam measg bu chòir a bhi air a’ chùnntas na cheann-teaghlaich thairis orra. Oidhche do na h-oidhchean, bha seòrsa do chonnspoid ’n am measg cò bu choir suidhe air ceann a’ bhùird, agus a bhi ’n a cheann-stuic air gach còmhdhail. Bha connsuchadh làidir eadar na fir, agus theap gun tigeadh facaill gu buillean. ’S an àm sin, dh’ éirich am fear dhiubh d’ am b’ainm Iain—duine làidir, misneachail, sgairteil, aig an robh an t-aiseag air an àm o’n chearna sin gu Eileanabh Arcaibh. Lubhair e gu ciùin, cairdeil. “Deanaibh réit,” ars’ esan, “’s na biodh droch cainnt na idir tuasaid ’n ar measg, oir,” ars’ esan, “bheir mise m’ fhacall duibh, an ath uair a choinnicheas sinn, gu ’n socruich mise a’ chùis so mu ’bheil sibh a’ cur a mach air a chéile.” Thòisich e gun dàil, agus thog e tigh air an rutha b’ ’fhaide mach, air an robh ochd taoibh—’s e sin, bha ’n tigh ochd oisinneach; agus air gach taobh bha uinneag agus dorus. Agus am meadhon an tighe so chàirich e bòrd, do ’n aona chumadh ris an tigh—bord ochd oisneach. Agus an ath uair a choinnich an ochdnar chàirdean, thuirt e riutha a h-uile fear a dhol a stigh air a dhorus féin, agus suidhe air an àite shuidhe dìreach mu choinneamh an doruis. Chaidh iad a stigh. Bha ’dhorus, agus ’uinneag agus a chathair agus ’àite féin, aig gach fear. Cha robh ’n am measg ach càirdeas agus carannachd, sìth agus caoimhneas agus toileachas-inntinn. Tha stéigh an tigh ochd-oisnich so fathast r’ a fhaicinn; agus theagamh nach ’eil tigh ann am Breatunn uile a’s iomraitiche na e. ’S airidh so air àite ’s a’ Chuairtear, mar shoilleireachadh air tuigse, foighidinn, agus deagh thùr Ian Ghroat, air an robh an tigh so air ainmeachadh. Tha cuid de’n t-seana bhord dharaich fathast a làthair, agus o chionn leth chéud bliadhna, bha cuid do’n litir Laidinn a sgrìobh an Rìgh a làthair. Bu Dùidsich a bh’ ann an teaghlach Iain Ghroat agus tha e air a ràdh gu’n do chuir an Rìgh mu thuath iad chum eolais a thoirt do mhuinntir na dùthcha mu na dòighean a b’fheàrr air iasg a ghlacadh ’s na cearnaibh sin.—Cuairtear-nan-Gleann. Aon Phog. LE DONULL MAC CALUM. Anns an Eilean Iosal bha da Mhor Mhunna,—Mor Ailein-a’-Mhonaidh agus Mor Ailein-an-t-Srath. Bha gealladh pòsaidh eadar Mor Ailein-a’-Mhonaidh agus Ruaraidh Og. Beagan mu ’n d’ thainig àm a’ phòsaidh, troimh bhàs brathair-a’-mhathair, fhuair Ruaraidh Croit-an-eas dha fèin; agus b’ fhearr dha nach d’ fhuair. Mar is motha gheibh duine ’s ann is motha dh’ iarras e. Air dha a’ chroit so fhaotainn, smuaintich e gur math a fhreagradh tochar coimeasach air g’a stocachadh. “Nach bochd,” deir Ruaraidh Og ri charaid, Seumas Breac, ’s iad a losgadh celp, oidhch’ a mach le cheile, “nach ann ri Mor Ailein-an-t-Srath a tharruing mi, ’s a’ h-athair cho làn airgiod. B’ fhurasda dha thoirt dhomh leatha na stocaicheadh a’ chroit.” “Cha ’n eil gad air gealladh,” deir Seumas. “Nach tarruing thu rithe fhathast.” “Tha sin,” deir Ruaraidh, “gle mhath, ach ma dh’ fheumas mise tochar an dara te ’chuir a mach a phàigheadh air son briseadh-geallaidh do ’n te eile, bithidh mo chor cho bochd ’s a bha e roimhe. Saoil thu ciamar ’gheibh mi thairis air sin?” “An gabh,” deir Seumas, “Mor Allein-an-t-Srath thu?” “Tha fios agam gu ’n gabh,” deir Ruaraidh. “Innsidh mi dhuit,” deir Seumas, “de a ni thu. Rach far am bheil Mor Ailein-a’-Mhonaidh agus innis dhith gu bheil thu toileach faotainn saor o d’ ghealladh. Mo lamh-sa dhuit, ’n uair a chluinneas i sin, gu ’m bi i gle dheonach do shaorsa thoirt dhuit.” Rinn Ruaraidh a reir na comhairle thug a’ charaid air. Chaidh e far an robh Mor Ailein-a’-Mhonaidh agus thubhairt e rithe,—“Tha eagal orm a Mhor, a’ ghraidh, ged a thug sinn gealladh pòsaidh, nach eil sinn freagrach air a’ cheile, agus thainig mi a nochd, a dh’ iarraidh mo shaorsa.” “Gheibh thu sin,” deir Mor, “a Ruaraidh, ’ghràidh. Theagamh gu bheil thu ceart, ach b’ fhearr leam thu na neach tha beò. Is truagh gach la, bhith ’s mi g’a chaoidh. ’S i m’ ùrnuigh nach bi aithreachas ort.” “A Mhor, fheudail, tha aithreachas orm mar tha. Nach gabh thu fathast mi?” “Cha ghabh,” deir Mor. “Tha ’n t-slabhraidh briste, ’s cha ’n eil cumhachd air thalamh a chàireas i tuille. Cha ’n eil mi na ’s dora air mo shon féin na tha mi air do shon-sa. Bitheadh sin gu leoir leat. Aon phòg, agus fàg mi.” Cha robh an ùine fad’ an deigh sin gus an deachaidh oidhch’ an réitich aig Ruaraidh Og agus Mor Ailein-an-t-Srath ’chuir a mach. A measg nan càirdean chaidh a chuireadh, ’s a bha aig an réiteach, bha Mor Ailein-a’-Mhonaidh. Mar a dh’ innis mi ann an naigheachd eile, ’s ann air oidhch’ an réitich sin a thainig Mìcheil Martainn do thigh Ailein-a’-Mhonaidh, a dh’ fhàg Glaschu gu tighinn a dh’ iarraidh Mor Ailein-a’-Mhonaidh. Ach ciamar ’chaidh do Ruaraidh? Bha ’n duine bochd cho socharach ’s nach tug e iomradh air tochar gus an robh am pòsadh seachad, ag earbsa gu ’n tugadh am bodach dha rud coìmeasach gun iarraidh ìdir. An deigh laimh ’n uair a thug e rabhadh d’a athair-céile mu ’n chùis, ’s ann a thubhairt e ris,—“’S ann a bha dùil agamsa ri cuideachadh iarraidh ort féin. Tha mis’, a’ bhalaich, cho lom, mu ’n d’ thubhairt iad e, ris a chirc o’n chochdaire.” [TD 12] [Vol. 7. No. 2. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na eolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B. OGUST 5, 1898. Tha sinn duilich gu robh an MAC-TALLA air a chumail air ais ùine cho fada, ach cha robh comas againn air. Cha d’ rinn an inneal chlo-bhualaidh ach tighinn Di-satharna s’a chaidh—direach mios an deigh an ama bu choir dhi tighinn—agus mar sin cha robh dòigh againn air a’ phaipear a chur a mach. Ach thig e a mach gu riaghaflteach an deigh so, agus tha sinn an dòchas nach bi aobhar aig an luchd-leughaidh a bhi gearain air an dòigh sam bith. Chaochail am Prionnsa Bismarck air oighreachd féin, faisg air Berlin, oidhche Di-satharna s’a chaidh. Bha e gu tinn o thoiseach a’ gheamhraidh s’a chaidh, agus bha e sior dhol na bu mhiosa uaithe sin. Bha Bismarck ’na dhuine ainmeil air feadh an t-saoghail àireamh bhliadhnaichean air ais. B’ ann dhasan a bhuineadh an cliù a’ Ghearmailt a dheanamh ’na dùthaich cho cumhachdach ’sa tha i an diugh. Fhuair esan i air a roinn na h-àireamh de rioghachdan beaga, anns nach robh aonachd no neart, agus dh’ fhàg e i ’na h-impireachd aonaichte a tha an diugh air aon de na dùthchannan a’s làidire ’san Roinn-Eòrpa. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Tha a chorp ri bhi air adhlacadh air cnoc beag a tha mu choinneamh a chaisteil anns ’n do chuir e seachad roinn mhor de bheatha, agus anns an d’ fhuair e bàs. Tha an cogadh eadar an Spàinn agus na Staitean gle fhaisg air a bhi seachad. Tha Santiago a nise ann an seilbh an airm Gheancaich, agus bratach nan Staitean a’ snamh ri crann ann. Cha mhor nach deachaidh gach blar a chaidh a chur leis na Stàitean. Bha da chabhlach Spainnteach air an cur do ghrunnd a’ chuain, aon ann an acarsaid Manila, agus aon an acarsaid Santiago, agus leis na mi-fhortain sin tha an Spainn air a lagachach cho mor ’s gu bheil i nise ’g iarraidh sith. Tha na Staitean deònach sin a dheanamh, ach tha i ag iarraidh Cuba agus Porto Rico dhi fhein, agus a bharrachd air sin eilean beag anns na Phillipines. A reir nan sgeul a thainig o chionn latha no dha air ais, tha an Spainn deonach na cumhachan sithe sin a ghabhail, agus cha’n eil ann a nise ach gu’m bi an t-sith air a gairm an ceann uine ghoirid. Bidh sluagh America air fad gle thoilichte an aimhreit a bhi seachad, oir a bharrachd air a chall beatha a dh’aobharaich an cogadh, chuir e malairt air ais gu mor; ’se fior chorra dhuine d’ an d’ rinn e feum. BEUL-AITHRIS. Anns an àm a dh’ falbh cha robh teaghlach bu chliuitich airson euchd agus tapachd na sliochd Iain Abraich, ann an Cataobh. So mar a fhuair e an t-ainm sin, Iain Abrach: Bha dithis mhac aig Ceann-cinnidh Mhic Aoidh ri mhnaoi a thuilleadh air triuir no ceathrar nighean. A chum ionnsachadh a thoirt do’n chlann òg so, thurasdalaich e caileag a mhuinntir Lochabar. An deidh bliadhna no dà, ghabh bean Mhic Aoidh amharus nach robh cuisean ceart eadar fear an taighe agus a’ chaileag so, agus is e a bha ann, gu’n do chuir i dachaidh do Lochabar i. Cha bu fhada gus an d’thàinig fios gu’n robh a’ Bhan-Abrach torrach. Chuir bean Mhic Aoidh le cuideachadh cailleach nan cearc fo gheasan i, nach b’ urrainn di an leanabh a bhreith. Thug i iomadh latha gu trom, tinn, ach le druidheachd na caillich, cha robh faochadh no furtachd aice. Chuir i fios gu Mac Aoidh a dh’ innseadh an cor bronach anns an robh i, ach cha robh e ’na chomas fuasgladh air bith fhaighinn dith. Beagan laithean an deidh so thàinig teachdaire eile ag ràdh gu’n robh i na bu mhiosa. Thug Mac Aoidh an gille gu taobh agus sheol e da ciod a theireadh e ri bean an taighe. Gun innseadh an t-aobhar mu’n d’ thàinig e, bha e gu leigeil ris gun robh e à Lochabar, agus nuair a fheoiricheadh i-se ciod e an sgeul a bha aige à sin, theireadh e gu’n robh mac aig a’ chailinn a bha teagasg na cloinne, an latha a dh’ fhàg e. So mar thachair, cha luaithe a thug an gille fhreagairt chaidh chuir ’na bheul na leig bean Mhic Aoidh sgread aisde, agus ghlaobh i le guth ard, “Mo thruaighe,” agus ghrad bhris i gluinean dubh a bha oirre. Bu anns a’ ghluinean so bha na geasan, agus air ball nuair a bhris i e fhuair an te bha an Lochabar saorsadh agus bha leanabh mic aige. Ghabh Mac Aoidh curam gu’m faigheadh am mac diolain so ionnsachadh anns gach dòigh cho math ris an dithis eile a bha aige ri a mhnaoi. Dh’fhas Ian Abrach ’na ghille làidir, sgairteil, aig nach robh coimeas air son dànachd agus tapachd anns an dùthaich. Aig an àm sin bha seilbh aig Mac Aoidh, air Srath-Neamhair—gleann boidheach, aig an àm sin lan sluaigh, ged nach eil ann an diugh ach caoraich ag ionaltradh am measg nan larach. Bha muinntir Srath-Neamhair air an claoidh leis na Cataich air an dàra taobh agus leis na Gallaich air an taobh eile. Cha luaithe a chuireadh iad an ruaig air na Gallaich na bha na Cataich a’ toirt ionnsuidh orra. Bha iad ’nan daoine treun, gaisgeil, ach mur bitheadh duine seolta, sgairteil air an ceann, cha b’ urrainn daibh iad fhein a dhion an aghaidh an naimhdean. Mar so runaich Mac Aoidh am fear bu tàpaidh da thriuir mhac chur an ceann daoine Srath-Neamhair, ach air tus b’ éiginn da dearbhadh a chur orra, cò am fear b’fheàrr. Anns na laithean sin, bha an sluagh cumanta ag itheadh am biadh à soitheachan fiodh; na h-uaislean à soitheachan de phleodair; agus na h-ard-uaislean à soitheachan airgid. An Talla Mhic Aoidh bha gach soitheach de phleodair. Gu dearbhadh a chur air a chuid mic, so mar rinn e. Thug e ordugh am bord agus bonn gach soitheach a shuathadh le blonag, no oladh, gus an robh gach ni cho sleamhainn agus gu’n cuireadh osag gaoithe iad speileadh bhar a’ bhuird air an ùrlar. Chaidh gach biadh a b’ fheàrr an sin chuir air a’ bhord, agus thug e cuireadh do’n mhac a bu shine suidhe sios agus a dhiota ghabhail. Rinn an gille mar a dh’ iarradh air, gun bheag fhios aige carson, ach is gann a bha e ’na shuidhe nuair dh’ fhosgail an dorus agus leum cù mòr a staigh a chaidh chumail ’na thrasg car tri no ceithir laithean. Cha luaithe a fhuair e faile a’ bhidh na thug a leum air a bhord. A’ chuid nach d’ ith e leag e air an ùrlar gus ann an tiota, nach robh soitheach no ni eil air a’ bhord. Cha d’ fhuair an gille aon ghreim de’n bhiadh, agus cha robh aige air ach eiridh mar a shuidh e. Latha no dhà an deidh sin chaidh an dàra mac a chuir gus an aon dearbhadh. Thachair da-san direach mar a thachair do a bhrathair. Leum an cù leis an acras, agus mhill agus leag e na bha air. Chaidh a nis fios chuir air a mhac a bu òige—Ian Abrach. Thàinig e, agus chaidh gach ni chuir an rian mar do’n dithis eile. Is gann rinn e suidhe na leum an cù a staigh agus thug e an ionnsuidh a bhi suas air a’ bhord, ach bha Ian ro-chlis air a shon. Le aon bhuille de a dhorn spad e ris an ùrlar e, ag ràdh “Dean thu-sa luigheadh an sin, mo chùilean, gus an gabh mi-se mo bhiadh.” Thug e lamh air a’ mheis a thaitinn ris, ach bha am bord agus a’ mheis cho sleamhainn nach b’ urrainn da greim a ghabhail gun an t-aon làmh a bhi cumail na meise. Thug e mach an sgian dubh, agus shàth e i troimhe a’ mheis agus clar uachdar a’ bhuird—“Dean thu-sa stad an sin gus an gabh mi-se mo dhiota.” Thàinig Mac Aoidh a staigh, agus nuair a chunnaic e mar rinn am mac a bu òige, rug e air lamh air, agus thuirt e ris—“Is tu-sa Ian, theid air ceann daoine Srath-Neamhair. Tha mi dearbhta gur tu am fear de’n triuir is freagaraich.” Mar so thaghadh Ian Abrach gu bhi ’na cheannard air daoine Srath-Neamhair, agus dhearbh e le a ghiulan an iomadh cruaidh-chas gu’n robh e ’na ghaisgeach treun, cruadalach, a chumadh a chuid fein a dh’ aindeoin co theireadh e. Bha a shliochd iomaireadach anns an tir mar dhaoine tàpaidh foghainteach an cogadh no an sìth. Facal o Mhac Gille-ghlais. AM BAILE “REULTACH,” am mios mu dheireadh do ’n t-samhradh, 1898.—A CHARAID IONMHUINN.—Ann am broinn na litir so tha tha da dholair, aon air son mo charaid Eachunn Mac Fhionghain, agus aon air mo shon fein. Buaidh us piseach gu robh air an fhear-deasachaidh; “Gu ma fada beò e, agus ceò as a thigh.” Tha mi duilich nach eil Gaidheil ro-lionmhor ’san àite so, ach am beagan a tha againn, tha iad math, agus a toirt moran taing do MHAC-TALLA air son a bhith a craobh-sgaoileadh a chànain dùthchasach. An la a chi ’s nach fhaic, do charaid, DOMHNULL MAC GILLE-GHLAIS. IADSAN A’ PHAIGH. Domhnull Mac Gille-ghlais, Stellarton, N.S. Eachunn Mac Fhionghain, Stellarton, N.S. Dr. A. H. Mac Aoidh, Halifacs, N.S. Aonghas Mac Aonghais, Georgeville, N.S. Eachunn Mac Fhionghain, Priceville, Ont. D. I. Domhnullach, Greenfield, Ont. Calum Mac Dhunléibhe, Duntroon, Ont. Iomhar Mac Cuinn, Stayner, Ont. I. S. Mac Gille-dhuibh, Pomona, Ont. Murchadh Mac-an-t-Saoir, Parrot, Montana. C. U. Caimbeul, Santa Ana, Cala. Domhnull Domhnullach, Tekoa, Wash. Gilleasbuig Camaran, North Burns, Mich. Domhnull Mac-an-Toisich, Greenleaf, Mich. Domhnull Mac-an-t-Saoir, Greenleaf, Mich. Micheil Mac Phi, Greenleaf, Mich. Bean C. B. Fox, Boston, Mass. Iain D. Domhnullach, Salamanca, N. Y. Dr. Uisdean Mac Neill, Chicago, Ills. Eoghan G. Caimbeul, Sycamore, Ills. Eoghan Mac Gilleain, Eilean Phictou, N. S. M. Mac Laomuinn, Quincey, Mass. Domhnull Mac Gilleain, New York. Aonghas Mac Laomuinn, Stanchel, E. P. I. Niall Mac Leoid, Duneideann, Alba. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL Mac Coinnich, Sidni, C, B. [TD 13] [Vol. 7. No. 2. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh deich Innseanaich agus coig Iapanaich a chall ann an stoirm air an amhuinn Fraser o chionn da sheachdain air ais. Tha na leumadairean-feòir anabarrach pailt ann an stàit Kansas; ann an aon àite thainig iad air an rathad-iaruinn ’nam meall cho tiugh ’s gu’n do chuir iad stad air na carbaid! Bha teine ann am Pugwash, N. S., toiseach na seachdain s’a chaidh, agus bha seachd teaghlaichean deuga air am fagail gun dachaidh. B’fhiach na taighean a chaidh a losgadh mu dheich mile fichead dolair. Thachair droch sgiorradh do Phrionnsa Wales o chionn seachdain no dha air ais, sgiorradh ma dh’ fhaoite a dh’ fhàgas crùbach e ri bheò, ged a tha na dotairean ag radh nach eil eagal sam bith orra dha thaobh. Thachair droch sgiorradh do ghille beag ann an Heatherdale, E. P. I., o chionn beagan us seachdain air ais. Bha e a’ falach anns an fhiar, agus thainig an uidheam speallaidh air gun fhiosda, agus bha a dha chois air an gearradh dheth os cionn nan aobrunn. Is mac do fhear Ruairidh Mac Coinnich e, agus cha’n eil e ach sia bliadhna dh’aois. Leis cho gann ’sa tha na cearcan-tomain a’ fàs air feadh Nova Scotia tha an riaghladh an deigh lagh a dheanamh a’ bacadh do dhaoine gin dhiubh a mharbhadh uaithe so gu ceann thri bliadhna. Cha’n fhaodar cearc-thomain a mharbhadh tuilleadh gu toiseach October ’sa bhliadhna 1901, agus an deigh sin cha’n fhaodar am marbhadh ach eadar toiseach October agus toiseach December gach bliadhna. Tha bean Iain Mhic Coinnich, á New Westminister, B. C., air chuairt ann an Ceap Breatunn aig an am so a’ sealltuinn air cairdean a fir, a fhuair a bhreth us àrach ann am Malagawatch. Tha a piuthar-céile, Ceit Nic Coinnich, còmhla rithe; tha ise o chionn aireamh bhliadhnaichean a’ cumail sgoile ann an Columbia Bhreatunnach. Tha Mr. Mac Coinnich ’na fhear-ruith fearann. Bha Mrs. Nic Coinnich agus Mrs. Nic Amhlaidh, Taobh Deas Amhuinn Dhennis, air chuairt ghoirid ann an Sidni ’s an Sidni Tuath toiseach na seachdain so. Tha fiosan a’ tighinn as na Stàitean ag innse gu bheil am bàrr anabarrach math air an fhoghar so, na’s fhearr ann an àiteachan na bha e o chionn iomadh bliadhna. Tha so fior gu h-àriadh mu stàit New York, far am bheil na saibhlean aig na tuathanaich loma làn, agus cruachan mora air na machraichean do nach b’ urrainn dhaibh aite fhaotainn anns na saibhlean. Air do ’n chrithneachd a bhi cho pailt, cha’n eil coltas gu’m bi am biadh cho daor air a’ bhliadhna s’a tighinn ’sa bha e air a’ bhliadhna chaidh seachad. Bha tiormachd mhor ann an California deireadh an t-samhraidh, ach i nise gu bhi seachad. Ann am Bridgetown, an siorrachd Annapolis, air Di-mairt, an Naodhamh latha deug dhe ’n mhios s’a chaidh, chaochail Eachunn Mac Gilleain, duine còir a mhuinntir Cheap Breatunn ris an abradh na Gàidheil am bitheantas “Eachunn a’ Champa,” Bha e ann an làithean ’oige ag obair air togail rathaidean iaruinn; shoirbhich leis gu math, agus naodh bliadhna air ais, cheannaich e fearann ann am Bridgetown. Bha e na duine anabarrach còir; b’ fhior Ghàidheal e, agus cha robh duine chuir eòlas air nach robh measail air. Bha e ’na bhall dileas dhe’n eaglais Chléirich, agus ionndrainear gu mor e leothasan a bha ’nan co-luchd-aoraidh dha. Tha a chàirdean ann an Ceap Breatunn lionmhor, agus bidh iad glé dhuilich sgeul a bhàis fhaotainn. Chaidh tigh-osda ’na theine ann an Chicago, an latha roimhe, agus bha triuir dhiubh-san a bha fuireach ann air an losgadh gu bas. Tha na tuathanaich a nise ’g obair air an fhiar, ach cha’n eil an t-side gle fhabharrach dhaibh. Tha an t-uisge a’ sileadh gu math tric, agus ’s ann fior chorra latha a tha deagh thiormachadh ann. Bha blàths anabarrach ann Di-satharna s’a chaidh; tha cuid ag radh nach robh latha cho blàth ann o chionn da bhliadhna. Bha Di-dònaich gu math blàth cuideachd, ach cha robh e idir suas ri Di-satharna. Chaidh ceithir Innseanaich a ghlacadh ann an Heron Bay, Ont., an la roimhe air son mort a rinn iad o chionn cheithir bliadhna air ais. Tha iad a nise ann am priosan, agus an ùine gun bhi fada theid an toirt gu ceartas. Thainig bàs gle aithghearr air fear Micheil Nearing, ann an Victoria Mines, feasgar an latha roimhe. Bha e ’na shuidhe ’s an starsuich a’ smocadh ’nuair a thuit e marbh. Bha e air a bhi tinn leis an ròs, agus bha e aig an am air a dhol beagan am feobhas, Dh’ fhàg e bean agus teaghlach mór. Thatar a’ nise ’cur a mach paipeir naigheachd ann am baile Bhaddeck; tha e air a dheasachadh le Tearlach H. Peppy, agus air a dheagh chlo-bhualadh. Tha Baddeck ’na chnapach math baile, agus tha dùthaich beairteach air a chùl; bu choir dha a bhi lan chomasach air paipear a chumail suas. Thatar a’ meas gu’n d’thainig fiach còrr us naodh muillean dolair de dh’ òr as a’ Chlondaic air a’ mhios a dh’fhalbh. Ma leanas iad rompa cha’n fhada gus am bi an dùthaich loma lan dhe ’n stuth phriseil. Ach tha eagal oirnn gu’n teid uine mhath seachad mu ’m bi muinntir an eilein so buidheach; cha bhi na h-aobhair aca. Tha meinn an Reserve a nise ’g obrachadh gu math na’s fhearr na bha i o’n thainig an samhradh. B’àbhaist do’n mèinn sin a bhi air aon de’n fheadhain a b’fhearr ’san dùthaich ach am bliadhna bha’n obair innte gle fhada air ais, agus bha aon uair fathunn a’ dol mu’n cuairt gu robh i gu bhi air a dùnadh suas. Ach tha dòchas aig daoine nach robh ann dhe sin ach am fathunn fhéin. Di-luain s’a chaidh thainig a mach a’ cheud àireamh dhe’n Record, paipear naigheachd làitheil a thatar a’ cur air chois anns a’ bhaile. Tha e ’na dheagh phaipear, agus bu chòir do mhuinntir Shidni ’s nam bailtean eile tha timchioll air, an dichioll a dheanamh air a chumail suas. Bu chòir paipear lòitheil a bhi againn an Ceap Breatunn ’nan gabhadh e idir deanamh. Tha an Record air a dheasachadh ’s air a chur a mach le Eòseph Dòmhnullach, Gàidheal òg a mhuinntir a’ bhaile so fhein; bha e ’g obair o chionn àireamh bhliadhnaichean an oifis a’ Herald ann an Sidni Tuath. Fhuaireadh o chionn ghoirìd litir o dhuine mhuinntir a Ghlinn a Tuath, Loch Lomond, Dàidh Mac Cuthais,, a dh’fhàg a dhachaidh o chionn da fhichead bliadhna ’sa seachd, agus o nach d’ fhuaireadh fios co-dhiu a bha e beò no marbh o chionn da fhichead bliadhna ’sa ceithir. Chunnacas mu dheireadh e le a bhràthair ann am baile Halifacs, anns a’ bhliadhna 1854. Uaithe sin cha d’fhuaireadh ìomradh air, agus cha robh dùil sam bith gu robh e beò idir gus an d’ fhuair a bhràthair, Iain, an litir a dh’ ainmich sinn. Tha e ’fuireach ann am Amazoni, an stait Missouri; tha e pòsda agus ochdnar chloinne aige. Tha e air a dheagh dhoigh, agus ged tha e ’n deigh aois mhath a ruigheachd—tri fichead ’sa h-ochd—tha e gu slàn fallain, ni a tha a chàirdean ro thoilichte a chluinntinn, an deigh dha a bhi ùine cho fada air chall orra. AMHERST BOOT AND SHOE MFG. CO., AMHERST, N. S. A’ CHUIDEACHD GHRIASACHD A’S MOTHA THA ’S NA ROINNEAN ISEAL. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 14] [Vol. 7. No. 2. p. 6] AN CEARD MOR. LE AONGHAS MAC EANRAIG. Is math a dh’ fhaodadh cuimhne ’bhi aig muinntir Glinn-na-Eidheannaich air sgeulachdan a chluinntinn aig seann daoine an àite sin, mu dheighinn a’ chuiridh cholgarra, “An Cèard Mor.” Aig bràighe a’ Ghlinne tha lagan bòidheach uaine, air a chòmhdachadh le feur, le rainich ’s le luachair. ’S ann anns an lagan so a’ bha na ceàird, air am bheil mi ’los iomradh a thoirt a’ gabhail còmhnuidh. Cha ’n eil mi ag ràdhainn gu ’n robh iad a’ fuireach an so a h-uile latha ’s a bhliadhna. Tha eagal orm nach còrdadh e ach meadhonach ri càil nan ceàrd na’m biodh aca ri fuireach anns an aon àite daonnan. ’S ann mar a bha, bheireadh iad sgriob an dràsd ’s a rithist mu ’n cuairt na dùthchannan, ach bha iad a’ chuid gu mòr bu mho de ’n ùine an Gleann-na-h-Eidheannaich. ’S ann an so, mar gu’n abradh sibh, a bha ’n dachaidh. B’e ’n “Ceàrd Mor” a theirteadh ris a’ Cheannard a’ bh’ air a’ bhaidne so—ceatharnach suathrsach, aig an robh bean cho fusach ris fhein, latha sam bith de ’n t-seacaduin. Cha b’e deanadh nan spàinean an t-aon tighinn beò a bh’ aig an laoch, ’chionn b’ àbhaist dha féin agus do sgioba math d’a chompanhich a bhi daonnan a mach feadh na h-oidhche, air na rathaidean mora, deas gu duine ’sam bith a bhiodh a gabhail an rathaid a spùineadh, agus a leigeil air a thurus beagan na b’ aotruime ’s na pòcannan. Is ainneamh a bha iad air an toirt gu “ceartas” air a shon so. Co an Gàidheal a smaointicheadh air òganach còir, ’s gu seachd sònruichte ceàrd a’ chur an cunnart priosain airson beagan airgid-pòca a thoirt bh’ uaithe? Mar so, faodar a thuigsinn gu’n robh na ceàird a’ fàs gle dhàna, ladurna, agus nach cumadh an t-eagal air ais iad o dhol an gruaig duine chuimsich ’sam bith. Ach gu tighinn gu m’ naigheacad. ’Dé ’rinn an Ceàrd Mor agus a chuid ghillean oidhche ’bha ’n sud ach dol an caramh Fear-a’-Choire, tighearna fearainn a bh’ anns a’ choimhearsnachd, agus e a’ tilleadh bharr faidhir na Féill Màrtuinn, le suim mhath airgid ’na phòca. Thug iad dheth a a-uile sgillinn a bh’ air, agus air a shon bhreab iad e, agus bhris iad tri aisinnean ’na chliathaich. Bha an oidhche car gu math dorcha—cha robh gealach no rionnag ri fhaicinn—agus anns an iorghuill a bh’ ann, ’de ’thachair ach gu ’n do chaill an Ceàrd Mor a bhoineid. Beagan an deigh so thàinig tuathanach còir a bh’ anns an àite air aghart—Fear Bhaile-nan-Sop—agus mhothaich e rud-eigin a’ dol m’a chasan. Thog e an rud a bh’ ann agus dh’ aithnich e gur h-e boineid a bh’ aige ’Dé ’bha ’n so ach boineid a’ cheàird. Gu ’n mhoran smaointeachaidh mu’n chùis dh’ fhalbh e agus spàrr e air a cheann i. Cha deachaidh e fad air aghart ’nuair a thachair air Fear-a’-Caoire agus ceathrar no chòigear d’a sheirbhisich agus boinneid mhor a cheàird air, shamhlaich e ’s a’ mhionaid e ri h-aon de’n fheadhainn a spùin esan. Ghlac e e, agus thug e thairis do ’n lagh e. ’Nis, bha Fear Bhaile-nan-Ssp fo dheagh theisteanas anns ann sgìreachd, ’s cha robh duine sam bith a’ creidsinn gu ’n deanadh e idir gniomh co suaraca ri làmh a caur am Fear-a’-Choire, ged a bhiodh oighreachd air a gealltainn dha airson a shaoithreach. Ach ged a bha meas aig na h-eòlaich air cha sheasadh sin dad dha air beul-thaobh siorraim, agus bha cùisean a’ sealltainn gle fhada ’na aghaidh. Tha ’n sean-fhocal ag ràdhainn nach eil an donas fhéin cho dubh ’s a nithear e, agus is ann mar sin direach a thachair do ’n Cheàrd Mhòr. Cha robh toil ’sam bith aige Fear Bhaile-nan-Sop a dhìteadh na ’n gabhadh e tearnadh gun e fhein a chur an cunnart. Leis an rùn chriosdail so, ’n uair a thainig an latha air an robh a’ chùis ri tighinn fa chomhair an t siorraim thog e air gu tigh na cùirte. Bha an tigh dearr-làn, ’chionn bha mòran aig an robh toil a chluinntinn cia mar a rachadh do’n ghnothach, agus shuidh an Ceàrd Mor agus a bhean, Iseabal, ’am measg chàich. Air bòrd a bha air beulthaobh an t-Siorram chunnaic an Ceàrd a bhoineid fhein—eudail uile, dh’ aithnicheadh e am measg mhiltean i! Chaidh glaodhach air Fear-a’-Choire, agus mhionnaich e gur h-i a’ bhoineid a bh’ air a’ bhòrd an ceann-aodach a bh’ air fear de ’n fheadhainn a spùinn e; agus, cuideachd, gu ’n d’ fhuair e fhéin agus a ghillean greim air Fear Baile-nan-Sop, beagan ùine ’an déigh dha ’bhi air a spùinneadh, dlùth do’n àite anns an do thachair na mèirlich air, leis a’ bhoineid cheudna air a cheann; agus cha robh teagamh ’sam bith aige nach b’e Fear-Bhaile-nan-Sop a h-aon de na mèirlich. Cha bu droch riasan a bh’ aig Fear-a’-Choire airson a’ bhi ’samhlachadh Fear Bhaile-nan-Sop ris a’ mheirleach, ’chionn bha suaip mhòr aige fhéin agus aig a’ Chèard r’a chéile nan cumadh, nan cruth, agus nan dreach. ’N uair a chuir Fear Bhaile-nan-Sop, aig iarrtus an t-Siorraim, a’ bhoineid air a cheann, bha Fear-a’-Choire co chinnteach gu’m b’e a h-aon d’e ’na mèirlich agus a bha e gu’n robh aige ri bàs fhaotainn. Cha robh stàth do’n chrionglaich fiachainn ri e fhéin a dhion:—bha cùisean gu tur ’na aghaidh. Fad na h-ùine ’bha na gnothuichean so air an soilleireachadh do’n t-Siorram bha an Cèard Mòr a’ deanamh a’ suas ’na inntinn fhéin ’dé an dòigh air am b’ urrainn dha Fear Bhaile-nan-Sop a shaoradh gun e fhéin a dhìteadh. M’a dheireadh, ’nuair a’ bha ’n Siorram ag èirigh a’ thoirt a mach binn an duine chòir, chuir an Cèard cagar ’an cluais Iseabail agus rinn e a rathad a’ sios gu beulthaobh an t-Siorram, air a dhlùth leanailt le Iseabal. Dh’iarr ’us fhuair e cead bruidhinn,—thog e a’ bhoineid bharr a’ bhùird, agus, a’ tionndadh ri Fear-a’-Choire, chàirich e air a cheann i. “Fhir-a’-Choire,” ars’ esan, “innis dhomh, ’an làthair an t-Siorraim agus gach duine eile ’tha cruinn an so, có dhiu is coltaiche mise, leis a’ bhoineid so air mo cheann, no Fear Bhaile-nan-Sop, ris a’ mhèirleach a spùinn thusa aig Beàlach-nan-con?” Sheall Fear-a’-Choire gu geur car tiota, ’s an sin ghlaodh e ’mach, mar gu’m faiceadh e tannasg, “Thusa, thusa! Mar is beò mi ’stusa ’n duine:—glacaibh e, glacaibh e!” So na bha dhith air a’ Cheard. Thionndaidh e ris an t-Siorram, ’s thuirt e: “Tha sibh a nise ’faicinn ’de’n duine ’th’ agaibh ann am Fear-a’ Choire. Duine ’sam bith air am faic e ’bhoineid so, tha e dearbhta gu mèirleach e. Bheir mi m’ fhacal m’a chuireas sibh fhéin an ceann-aodach so air ’ur ceann gu’m mionnaich ’s gu’m bòidich e gur sibh a spùinn e. Cha’n fhiach fhacal facal ceàird, ’s is feàrr facal ceàird na é. Fuich, fhuich!” Thug a’ chuideachd uile gaoir asda; thuirt an Sioraam gu’n robh a’ chùirt thairis; agus fhuair Fear Bhaile-nan-Sop mar sgaoil. Ochòin, a Rìgh! “’S fhèarr caraid ’s a’ chùirt no crun ’san sporran,” agus Is fhèarr duine no daoine; agus ’s e Fear Bhaile-nan-Sop, a dh’ fhairich so. Ach, cha b’ ann air a so a dh’ aithriseadh an sgeul. ’Fhad ’s a’ bha gnothaichean a’ tighinn gu crìch dh’ fhalbh Iseabal (mo ghalad!) agus spiolar leatha currachd an t-Siorram, airson léintean a dheanamh dheth d’a cuid cloinne. Cha do leig an Cèard Mòr a’ Mhaighdean buileach le sruth na bu mhò, ’chionn, ’nuair a’ bha Fear-a’-Choire a’ gabhail a dhinnearach ’san tigh-òsda, ’an déigh do’n chùirt dol mar sgaoil, ghoid e’n t-each aig’ ás an stàbuill; leum e fhéin, ’s Iseabal air a mhuin, agus tharruing iad co luath ’s a’ bheireadh casan an eich iad, do Ghleann-na h-Eidheannaid. Gu ’n mhoille mionaide thog na cèaird uile an imrich ’s mu ’n d’ thàinig beul na h-oidhche cha robh a h-aon dhiubh mar fhichead mile do’n Ghleann; ’s mu ’n d’ thàinig beul an-latha, bha iad—aig an Fhortan tha brath c’àite. Cha do chuir Fear-a’-Choire tòir sam bith air an each,—bha e sgìth gu leòir d’e ’n lagh,—agus cha b’fhada gus an do chuir an Ceard gu margadh e. Seann Sgeul mu thimchioll Loch Odha. Cha’n eil loch uisge ’san rioghachd uile a’s àille na Loch Odha. Cha’n eil sinn cinnteach an cuala gach aon a tha leughadh a’ phaipear so, an dòigh anns an do lionadh an tùs an gleann anns am bheil an loch so le uisge, no, ann am briathraibh eile, an dòigh air an d’ rinneadh Loch Odha. Cha’n eil sinn uile gu lóir ag ràdh gu bheil an eachdraidh fior; ach a dh’ aon chuid “ma’s breug bhuainn ’s breug dhuinn.” Leugh sinn an sgeul ann an leabhar, agus mar a leugh tha sinn a nis ’ga chur a mach. Air mullach Beìnn Chruachain tha an tobar as an do lionadh Loch Odha, agus is ann mar so, tha iad ag ràdh, a thachair a’ chùis. Bha Bera aosmhor a chòmhnuidh ann an uaimh na Creige Moire—bu nighean i do Ghreannan Glic. Ré iomadh linn bha na daoine bho’n d’ thainig i a’ tuinneachadh na dùthcha sin, teaghlach éathail, fialaidh, cumhadhdach. B’i Bera an t-aon mu dheireadh do’n teaghlach ainmeil so. Bu leatha-se mar oighreachd gach gleann àillidh feurach a chithear thimchioll Chruachain, agus na treudan lionmhor a bha ’g ionaltradh air gach coire agus monadh agus srath mu’n cuairt. An earbsa ri Bera bha ’n tobar diomhair d’ am buineadh iomadh buaidh, air a chleith o eòlas agus o fhradharc an t-saoghail. B’e sin tobar na truaighe do Bhera agus do theaghlach a h-athar! Bha leac mhor aig beul an tobair so, agus bha mar fhiachaibh air Bera an leac a chur thairis air an tobar mu dhol fodha na gréinne, agus an leac cheudna a thogail air falbh co luath ’s a bhiodh gathan soluis na maidne ag òradh àirde ’nan speur. Bha briathran air an deargadh air an lic so, cosmhuil ri seann sgriobhadh, ach cha do dhearc sùil air a chloich riamh a b’ urrainn na litrichean diomhair sin a leughadh. Latha de na làithean, thachair do Bhera ’bhi mach a’ sealg an fhéidh, air feadh gharbhlaichean Chruachain, agus air dhi bhi air a claoidh le sgios na faoghaid, cha luaithe ’phill i dhachaidh ’san anmoch ’s a shìn i i féin air an leabaidh luachrach fo dhubhar nan craobh, ’na thuit i ’na suain, agus rinn i dearmad air an lic a chàramh air beul an tobair. Ghrad bhrùchd nh h-uisgeachan an uachdar, mar abhuinn mhor nach b’ urrainnear a chasg! Shiubhail an tuil gu luath, mar steall ’s mar eas mor sios ri guala na beinne, o chreig gu creig gus ’n do lion na h-uisgeachan an gleann, agus ris an abrar o’n àm sin Loch Odha. Air an treas latha dhùisg Bera thruagh! Chaidh i ’thogail na lice, ach leac cha robh ann! Dh’ amhairc i sios air a ghleann, ach an àit a’ ghlinne bu ghuirme ’s bu luraiche ’s a b’ àille, cha robh r’a fhaicinn ach aon loch mor uisge! Thug Bera sgriach oillteil—fhreagair gach creag, gach doire ’s gach gleann—chriothnaich Beinn Chruachain g’a meadhon! Dh’ fhàg Bera an saoghal bochd so. Dhirich i gu talla ard nam flath ainmeil o’n d’ thainig i—fada, fada shuas os ceann fradharc cruthaichte, am measg neula geala tana nan speur. Shuas an sin cluinnear fhathast a sgriach, agus is culaidh-oillt so do bhuhchaillean agus shealgairean Chruachain. Air neula dorcha chithear i ag iadhadh mu mhullach na beinne, cluinnear an [TD 15] [Vol. 7. No. 2. p. 7] sin gu tric a torman mulaid—am bruaillean na doininn tha i gu tric a’ dol am mach; air iomall dorcha neòil dhubha nan speur, chithear i a’ mireag le buaireas garg. Mar charragh ard de ’n cheò a’s gile chithear i a’ sealg an fhéidh air a’ bheinn le ’bogha ’s le dòrlach làn! ’Na cobhar geal chithear i san tuil o leum-uisge gu leum-uisge, o linne gu linne, gus fa-dheòigh an ruig i Loch Odha, air am faicear i a snàmh mar chiùin eala bhàn, o eilean gu eilean—gu tric o làraichean briste Chaolchuirn—o shean abaid Innis Fhàil agus Innis Eraith, cluinnear a gul-ghearan tiamhaidh. Agus o bhinnen Chruachain, chithear gu tric i air maduinn shamhraidh ag éireidh ’na h-éididh aotrom cheòthar a dh’ fhàilteachadh na gréine, agus an graide caillear as an t-sealladh i ’measg ialta aoibhinn dealrach nan speur.—Highland News. Oran do “Mhac-Talla.” Bha Calum a’gabhail fadail nach robh MAC-TALLA tighinn air an t-seachdain ’sa chaidh agus ’se rinn e, an t-oran a leanas a chur ri cheile dha. Gu de chum mo run gun tighinn, Gu de chum mo ghaol gun tighinn, B’e mo mhiann air gach Di-haoine Bhi tacan ri d’ thaobh a’ bruidhinn. Oigear dhuinn, tha mise ’n deigh ort, B’ og thu ’nuair a thug mi speis duit Ann a t-aodann rinn mi leughadh Na fir ghleusd’ on d’ rinn thu tighinn. B’ og thu ’nuair a fhuair mi eol ort, B’ fhada leam gu ’n d’ fhuair mi coir ort, Chuir mi fichead de de m’ luchd-eolais Leis na dolair oir ga d’ shireadh. Gur neo sgaffanta do chomhradh, ’S beag tha d’ chom do dh’ fhonn na rolaist: Moran firinn, beagan boilich, A gheibh sinn an comhnuidh ’d bhruidhinn. ’S iomadh buaidh tha air an armunn, Gheibh thu faoilte ’n Cuirt na Ban-righ’nn! An Ceap Breatunn a chaidh d’ arach— Tir an aigh, na magh ’s na fireach. Tir na machair ghlan ’s na alltaibh, Tir nan craobh a’s aille cleochda, Tir nan ob a’s boidhche ’s t-samhradh On faigh bata seolaidh iomairt. Tir na flur ’sa mhaduinn bhraonaich, Tir nan eun a’ seinn san aonach, Tir a’s boidhche th’ air an t-saoghal, Tir tha fir le maoin a’ sireadh. Gur beag ioghnaidh thu bhi d’ shlainte, ’S na fir oileanta thug gradh dhut: Thug Mac-Illean an lamh dhut, Iomadh sgoilear ard ’us filidh. Cha ’n eil curam gun d’ thig crionadh Air an lasgaire gu siorruidh: Tha na miltean feadh nan criochan ’Cur le cridhe fial ga d’ shireadh. ’S iomadh fleasgach laidir, lughmhor, Tha na charaid’ air do chulthaobh, ’Sheasas ro-dhileas an cuis thu, ’S nach leig beud ad’ ionnsuidh tighinn. Leis an inbh’eachd ard on ghluais thu, Leis gach fabhar tha riut fuighte, ’S iad do chompanaich na h-uaislean, Fhir gun ghruaim, ’s a luaidh na nighean. ’S iomadh gruagach og tha ’n deigh ort, Eadar Albainn agus Eirinn; ’S an an Canadaidh tha ceudan Ni do leughadh gleusda, fileant’. B’ annsa leam na ceol na fidhle, ’S a cuid theud an deigh a’ sineadh. Eolas uat air dol ar sinnsir ’S air gach stri o d’ rinn iad tilleadh. Buaidh do ’n fhear a dh’ araich og thu, ’S a sgeadaich maiseach an clo thu, ’S caraide nan Gaidheal coir e, ’S cha ’n fhaic iad a choir san iomairt. Braigh Amhuinn Mhargaree. C. G. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. Am Feillire. OGUST, 1898. 1 Di-luain An Liunasdal 2 Di-mairt Blar Bhlenheim, 1704. 3 Di-ciaduin Crunadh Seumas III, 1460. 4 Dior-daoin (3) Ceud thurus Cholumbuis, 1492 5 Di-haoine Bas Roib Dhuinn, 1778 6 Di-satharna (5) Blar Ghruinneart, 1598. 7 DI-DONAICH 9mh Domhnaich na Trianaid 8 Di-luain Bas Dheorsa Channing, 1827 9 Di-mairt 10 Di-ciaduin 11 Dior-daoin Blar Dhailrigh, 1309. 12 Di-haoine Breth Deorsa IV, 1762. 13 Di-satharna Bacadh deise Ghaelich, 1746 14 DI-DONAICH 10mh Dòmhnaich na Trianaid 15 Di-luain Breth Bhoniparte, 1769. 16 Di-mairt Fad an latha, 13 u. 50 m. 17 Di-ciaduin 18 Dior-daoin Blar Phreston, 1649. 19 Di-haoine Bliadhna Thearlaich, 1745. 20 Di-satharna 21 DI-DONAICH 11mh Dònaich na Trianaid. 22 Di-luain Blar Dhunchaillinn, 1669. 23 Di-mairt Bas Uilleim Uallais, 1305. 24 Di-ciaduin Feill Bhartolomeis. 25 Dior-daoin Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-haoine Blar Chrecy, 1346. 27 Di-satharna 28 DI-DONAICH 12mh Dònaich na Trianaid 29 Di-luain Blar Loch Aillse, 1722. 30 Di-mairt Bas Chardinail Iorc, 1807. 31 Di-ciaduin Fad an latha, 13 u. 6 m. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Lan, L. 2, U. 0, M. 15 M. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 9, U. 1, M. 59 M. An Solus Ur, L. 17, U. 6, M. 20 M. A’ Cheud Cheathramh, L. 24, U. 4, M. 18 F. An Solus Lan, L. 31, U. 8, M. 37 M. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. Am bheil thu air son a’ Ghailig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. THE WANZER LAMP. [Dealbh] Cumaidh i Solus Riut. Bruichidh i ’m Biadh Dhut. Goillidh i ’n Coire Dhut. Tairnnidh i ’n Ti Dhut. Cha chosg i uiread olla ri lamp’ eile, agus ni i solus moran na ’s fhearr. Gheibh thu ri ceannach i aig Caipt. Ruairidh Mac Neill, SIDNI, C. B. [TD 16] [Vol. 7. No. 2. p. 8] Oran do Uilleam Mac Suain, ’s na h-Earradh. LE IAIN MARTAINN, GLASCHU. Fhir a theid thairis thar gleannan a’ chuain, Ma theid do na h-Earradh thoir beannachdan uam, Is innis gur fallain mi dh’ Uilleam Mac Suain Fior oganach smearail ’s fear ghabhail nan duan. Nuair bhios mi n’am aonar a smaointean a ghnath, ’Nuair thach’ramid comhla ’sa choisir mar b-abhist, ’S tu chuireadh air doigh dhuinn na h-orain a b-fhearr, ’S iad uile le solas ag ol do dheoch slaint. Tha ’n comunn air sgaoileadh a b’ aoigheala blath, Cha chruinnich an oigridh do ’n Mhod mar a b-abhist, ’S ged theid mi do ’n chomhlan cha chord rium an dain, ’S fear ghabhail nan oran an comhnuidh as ait’. Gur math do na ghruagaich a bhuanaicheas tu Fior oganach buadhmhor ’s fearr gluasad ’s gach cuirt, Tha beannachd an t-sluaigh leat, le suairceas do ghnuis, ’S nuair shuidheas na h-uaislean, ni luaidh air do chliu. Gur taitneach do ghluasad ’s gur h-uasal do ghnaths, Gu suilbheara suairce gun uaill a measg chaich, Gach Mod le meud uaibhir sior luaidh ort gach la— Toirt cliu air do stuamachd do bhuadhan ’s do bhaigh. Tha maise do shinnsreabh a stri riut a ghnath, ’S an teisteas cha diobair feadh linntinn gu brath, Fear sheasamh na firinn bha fiorghlan ’s gach cas, Le lann ghearrach mhillteach cuir crioch air a namh. Mo shoraidh le durachd a dh’ ionnsuidh Mhic Suain, Le taitneas tha cliu ort na ’d dhuthaich ga luaidh, Nan tigeadh tu ’n taobhsa thoirt dhuinne nan duan ’S mi dh’ oladh gu sunndach deoch ur dhe ’n stuth chruaidh. AN T-EILEAN SGIATHANACH. Oran Samhraidh. LEIS AN T-SIORRAM MAC NEACAIL. Air Innse na Greig’ is aill’, Tha luaidh nam Bard nach gann; B’e m’ ulaidh-sa riamh na h-Eileanan Iar, Far an cluinnear cainnt nam beann. Tha Itaca, Ciprus is Rods, Ionmhuinn le clann nam fonn; Ach I-Chaluim-Chille, ’s i gradh gach filidh Chaidh altrum an Alba nan sonn. Ged ’s boidheach a’ ghorm Mhuir Dheas, Far an cleasaich ’n a neart a’ ghrian, ’S ann leam gu ’m b’ fhearr ’bhi coimhead an t-sail’ A’ briseadh air cladach na h-Iar! Beinn Shioin, an Aithne, ’s an Roimh, Faiceam mu ’n teid mi fo ’n uir, Ach ’s beag mo speis do bhaile fo ’n ghrein, An coimeas ri Eilean mo ruin. Ars’ an coigreach, a’ fiosrach dhiom fhein, Ciod e na h-ioghnaidh a t’ ann? “Ciod iad nach ’eil,” do fhreagair mi deas, “Ma tha suilean gu faicinn na d’ cheann?” Ach bheirinn a’ chomhairle dhut. Ma ’s duine thu tha meata na d’ chail, Ma ’s fuath leat fras, na ruith gu bras A choimhead air Eilean mo ghraidh! An toigh leat na beanntan mor, Cruachan ’s na neoil gu h-ard? Coireachan, frithean, dachaidh an fhireoin, ’S an cluinnear na h-easan a’ gair? An toigh leat na glacagan grianach, Innisean sgiamhach nam bo, Is uamhan ’bheir fonn ri guth nan tonn? Siubhail gu Innis a’ Cheo! Tha “Matterhorn” taght’ air son chas, Ma’s aill leat thu fhein a mhilleadh; Ach cothrom cho saor a ghiorrach’ do shaoghail, Gheibh thu air Sgur-nan-gillean. Air cladach an t-Srath chi thu ’n cos, Mar gheal shneachd reot’ gun smal, Le ’lochan dubh fuar, far an tig air uair Na maighdeana-mara a shnamh. An Coir’-uisg’ chi thu ’n sud fo dhubh-ghruaim, Cul’-uamhais measg stri nan dul ’N uair bhriseas an torrunn le fuaim na doininn, Is mairg nach lubadh an glun! Is chi thu ard-ioghnadh Chuith-Fhraing, Le bhaidealan aibheiseach mor, ’S an Storr cho cas le bhinneinean glas, Eadar do shealladh ’s na neoil. Stiuir timchioll nan creagan gu h-Iar, Is chi thu ag eiridh ’s a’ chuan, Triuir Mhaighdean Mhic-Leoid a’ seasamh gu stold’, Measg ghairich ghairbh nan stuadh: ’S ge b’e aite an toir thu do cheum, Chi thu le ioghnadh ur, A’ Chuilfhionn ghorm a’ leantuinn do lorg, ’S a’ sasachadh fradharc do chul! ’S truagh nach robh mise na m’ Thriath, A’ riaghladh Eilean mo chridh’, Thogainn mar b’ abhaist o ’bhunait Dun-Sgathaich, Is gainne na m’ thalla cha bhiodh; An sud dheanainn suidhe mar Righ, ’S cha chlaoidinn mo shluagh gu teann, Cha togainn creach, ’s cha spuinninn neach, Ach thrusainn do ’n sgoil a’ chlann! ’S ann leamsa bu mhath a bhi ann, ’S grian shamhraidh a’ lasadh an druchd, Na m’ shineadh air feur a coimhead nan neul, A’ cadal air Blath-bheinn nan stuc; Is chithinn an ceathach a’ snamh, ’S a’ lubadh mu shlios nan cruach, ’S a ghnath na m’ aire bhiodh fonn na mara, Ga m’ thaladh gu foisneach gu suain. ’S an fheasgar, ’n uair thearnas a’ ghrian, Gu rioghail ’s an Iar gu tamh, Air mullach nam beann mar mhile lann, Bidh boillsgeadh nan gathan aigh: ’S gach dubh-sgor a’ dearrsadh gu cas, Fo lannair nan lasraichean oir, Gu h-ard ’s an speur eadar talamh is neamh— Sealladh na maise ’s na gloir! ’S taitneach, measg chomunn a’ bhlaiths, Bhi suidhe ’s mo chairdean ri m’ thaobh. Ach na ’m bu leam iteag, ’s mi ’theicheadh an tiotadh, Do ’n Eilean Sgiathanach chaomh! An t-urram aig cathair Dhun-Eidin, ’S mi fhein a sheinneadh a cliu, Ach thigeadh an samhradh, ’s bidh mise na m’ dheann-ruith, A’ greasad gu Eilean mo ruin! Laoidh. Na ’s dluith’, mo Dhia, dhuit fhein! Na ’s dluith’ dhuit fhein! ’S ged b’ ann a thogteadh mi Tre chrois is phein, Gidheadh b’e so mo laoidh— Na ’s dluith’ do m’ Dhia, na ’s dluith’, Do m’ Dhia na ’s dluith’! Ged bhiom, mar sheachranaich’, ’N uair laigheas grian, Am shuain le cloich fo m’ cheann, Is dorch’ gach sion, Am aisling b’e mo ghuidh’— Na ’s dluith’ do m’ Dhia, na ’s dluith’, Do m’ Dhia na ’s dluith’! Faiceam mo shlighe ’n sin ’Direadh gu Gloir; Na chuir thu orm a’ teachd Bho d’ throcair mhoir; Ainglean ga m’ ghairm air m’ uidh, Na ’s dluith’ do m’ Dhia, na ’s dluith’, Do m’ Dhia na ’s dluith’! An sin ’n uair dhuisginn suas, Le d’ chliu ga luaidh, Thogainn mo Bhetel ard, Air steidh mo thruaigh’, Air ghaol troimh bhron ’s troimh chaoidh, Bhith teachd do m’ Dhia na ’s dluith’, Do m’ Dhia na ’s dluith’! ’S na ’m b’e gun eirinn suas Gu h-ait troimh ’n speur, Gealach, is reul, is grian, Air chul gu leir, Gidheadh b’e so mo laoidh— Na ’s dluith’ do m’ Dhia, na ’s dluith’, Do m’ Dhia na ’s dluith’! LEIGHEAS BUAN. Sgriobh an t-Urr. Hy. Carter, Maddock, Springfield, P. E. I., mar a leanas, ann an Iun, 1895:—“Cha ’n urrainn do m’ mhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dh’ fhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mor ’s nach b’ urrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smuainich mi gu ’m faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh e ’deanamh feum dhi, agus fada mu ’n do chuir i crioch air da bhotull bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.” Tha an litir so a nochdadh an eifeachd a th’ ann an K. D. C. agus tha ’n te a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, corr us bliadhna ’n deigh so: “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slan, ’s gu ’n a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaibh e. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 17] [Vol. 7. No. 3. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 12, 1898. No. 3. LITIR O “CHARAID NA GAILIG.” Duaisean air an Tairgse. FHIR-DEASACHAIDH,—Is tric a thainig e fo m’ aire, an àm dhomh a’ bhith leughadh do phaipeir ghasda, gu ’m bheil roinn mhath dhinn ann a tha ’cuir faclan Gàidhealach air a’ Bheurla aca, agus an sin, tha iad ’ga thoirt seachad mar Ghàidhlig. Cha chreid mi nach ’eil sin ’na mhilleadh mor do ’n chainnt. Mar eiseimpleirean air a so, leugh mar a leanas; (ach mar nach còir dhomh duine sam bith a’ chronachadh a tha a’ deanamh a dhichill, cha ’n ainmich mi na duilleagan air am faca mi na h-eiseimpleirean so)— “O’n a rinn sibh ur cuid.” (Since you did your part.) “Bha sinn sgioba de cheathar ar fhichead.” (We were a crew of twenty-four.) “Feumaidh iad cuir suas leis.” (They must put up with it.) “Airgead a dh’ fhaodas iad a’ bhith laimhseach.” (Money which they may be handling.) “Bithidh agam ri sin a’ dheanamh.” (I shall have to do it.) Cha chreid mise nach, ’eil iad so ’nan dluth-aithris air a’ Bheurla, ni nach còir idir, oir is e Gàidhlig a tha fo aire dhuinn, agus “an latha bhitheas sinn ri maorach, bitheamaid ri maorach, ach an latha bhitheas sinn ri òr, bitheamaid ris.” Bitheamaid ris, an ainm tròcair. Mar eadar-dhealachadh o na samhlaidhean a tha mi air toirt air do bheulthaobh, so dhuit dòighean-bruidhne a chunnaic mi anns a’ phaipear agad, anns nach cuir fear sam bith ag, gur e Gàidhlig nan Gàidheal a tha annta:— “Mu ’n triall mi a chadal gu bràth an talla nam bard nach beò.” “Ghabh e a h-uile ceist a tha ann an Leabhar Aithghearr nan Ceist, gun dol am mearachd ann an aon fhacal.” “Tha iad air tighinn air lom o chionn ghoirid.” “Cha mhor nach faodar a ràdh gu ’n d’ fhalbh an cuimhne.” “Bha an tuagh gun a h-obair a’ dheanamh.” “Is mor leo a chreidsinn.” Is furasda ’fhaicinn, ’fhir mo chridhe, nach ann de chuideachd no de shloinneadh na Beurla na raidhean so. Nach deas-bhriathrach, geur, pongail iad? B’ fhearr leam gu ’n robh a leithid so de sgeadachadh ri ’fhaicinn air gach sreath Gàidhlig. Tha fios gu ’n abair cuid, “A lighich, leighis thu fein,” agus gun teagamh tha mi féin buailteach do ’n dearbh pheacadh sin a tha agam d’a dhi-mholadh an dràsd. Ach a chum agus gu ’n creidear gur ann da rireadh a tha mi, tha mi a’ tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad air mo shon, an ceann sia miosan o’n latha a thig an litir so am mach, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Is mise, gu dileas, do charaid-sa agus CARAID NA GAIDHLIG. AR DUTHAICH FEIN. Tha na Canadianaich a’ leantuinn le ceum deifireach abhaist nan Staidean ann a bhi ’ga moladh fein. Tha sinn ann an Canada ’saoilsinn a nis, gu bheil sinn uasal, ardanach, cumhachdach, measail am measg rioghachdan an t-saoghail. Thar leam fein gur coir dhuinn, agus dhomhsa gu sonruichte, aig an àm so, a bhi toilichte ’s greadhnach, do bhrigh gu do thoisich MAC-TALLA air eideadh ùr a ghabhail, agus air sgeadachadh eireachdail a chur air fein. Tha meas mor agam fein air MAC-TALLA. Thoisich e ’chuairt gu modhail, iriosal. Is ann le raimh a bha e air tus a’ seoladh anns na lochan ’us na baighean. Bha e mar so ’nochdadh gliocais sonruichte, oir buinidh e do gach neach ard ’us iosal a bhi guamach, a bhi tearuinte, ’s a bhi faicilleach, ann an tus a stri, ’s a dhichioll, ’s a dheanadais. Tha MAC-TALLA ’nis co tapaidh ’us co gaisgeil, on bha e daonnan dichiollach, aghartach, ciuin, dealasach, dochasach. Shoirbhich leis gu maith, ged bha iomadh spairn aige r’a dheanamh, agus aig an àm so, tha e cuir air eididh nuaidh, dreachmhoir, ealanta. Bha meas ’us speis laidir agam fein daonnan air gach duiune ’bha tapaidh, cruadalach, deanadach, agus a dh’ éirich bho inbhe iosal gu h-inbhe ard, urramach, ghasda. Is boidheach, da rireadh, an trusgan anns am bheil MAC-TALLA air uidheamachadh; chuir e suas an seol-meadhoin agus tha e ’cur roimhe seoladh maith ’us tarbhach a dheanamh anns na laithean a tha air thoiseach oirnn. Cha ’n ’eil an diugh air uachdar an t-saoghail, agus cha robh riamh roimhe so, paipear Gaidhealach a’ tighinn a mach gach seachduinn loma lan de ’n Ghaidhlig a’s fearr agus a’s modha tlachd ’us snasmhoireachd. Co nach abair, mata, gu bheil dochas mor aige fein gu soirbhich gu pailt le MAC-TALLA, gu dean e iomadh, iomadh seoladh cliuiteach, tarbhach, agus gu tabhair e urram nuadh ’us misneach laidir do na Ghaidhlig, ’us do gach Gaidheal lag-chridheach, gealtach, air am bheil eagal a bhi ’g aideachadh gur Gaidheal e, ged tha e soilleir ma tha inntinn, no duinealas, no tapadh air bith aige, gur ann do ’n fhuil Ghaidhealach a tha ’na chuislean a thig e dha gach taingealachd a thabhairt. Cha ’n eil Gaidheal ann an Canada nach bu choir caoimhneas furanach a bhuileachadh air MAC-TALLA, ’na thrusgan ùr, tlachdmhor, agus comhnadh faoilidh a thabhairt dha anns an oidheirp chliuiteach a tha e ’deanamh air ainm, ’us ailleachd, ’us eachdraidh nan Gaidheal a chumail suas agus ’ardachadh. Ma tha Gaidheal ann an Canada—’s is maith a’s aithne dhomhsa gu bheil iomadh Gaidheal suarach, leibideach ’n ar measg,—nach ’eil proiseil gu bheil MAC-TALLA co easguidh, eutrom, aghartach ’s a tha e, cromadh e ’cheann, a’s na deanadh e iomradh gu brath air Gaidheal no air Gaidhlig. Cha b’ urrainn domh gun mo mholadh a thogail air MAC-TALLA le ’sgeadachadh ùr, aluinn. Cha chuimhne le neach air bith aimsir co briagha, taitneach a bhi againn, ’s a tha againn air a bhliadhna so. Bha ’n uair anabarrach ciuin, fabharach, boidheach air feadh Chanada gu leir bho thoiseach an earraich. Fhuair na tuathanaich an cothrom a b’ fhearr airson an grunnd a dheasachadh agus airson an t-siol a chur gu glan, gu tioram ’s gu furasda. Bha, agus tha, frasan priseil againn. Bha, mar so, na h-achaidhean maoth, ùrail, torach; agus aig an àm so, faodar a radh gu cinnteach gu bi feur ’us arbhar, gu bi cruinneachd ’us coirce ann an saoibhreas sonruichte air feadh Chanada gu leir. Tha ar suilean air am fosgladh bho àm gu h-àm agus tha sinn a’ faicinn cia co beartach ’s a tha an dùthaich anns am bheil sinn a’ gabhail comhnuidh. Tha òr ’us clachan luachmhor gle lionmhor ann an Canada. Nam bitheadh tuigse cheart, ’us ionracas iomchuidh air an nochdadh leothasan a tha ’gabhail orra fein a bhi ’riaghladh na dùthcha le cumhachd ’us gliocas anabarrach, thigeadh ar dùthaich air a h-aghaidh. Mo thruaighe! cha bhitheadh balachain bheaga ’deanamh gniomharan iongantach air bith nan nochdadh iad barrachd onoir, agus ionracais, ’us firinnteachd, na tha na daoine feineil, fuaimneach, truagha gu tric gun eanchainn, gun dichioll, gun eolas a tha ’riaghladh Chanada an ear ’s an iar an diugh. Bhitheadh Chanada ’deanamh euchd gasda, foirmeil, fiughanta nan abradh i ris a chuid a’s modha de bhuill a Pharlamaid: “Falbhaibh dachaidh, agus fanaibh aig an tigh gu brath, oir gus an ionnsuich sibh barrachd maith a dheanamh do Chanada ’s barrachd gliocais, ’us stuama, ’s eud a nochdadh ann an cuisean iomadach na dùthcha ’thuigsinn agus a cheartachadh. Is ann le tlachd mor a ghabhas sinn beachd air gach comharradh diongmhalta ’chi sinn, gu bheil Canada ’fas gu luath ann am malairt, ann am beartas, agus ann an dichioll innleachdach a tha ’tarruing gnuis ’us aire rioghachdan an t-saoghail oirre. Tha Uachdaran Chanada, Iarla Abireadhain, a’ dol a dh’ fhagail Chanada ann an uine ghearr. Rinn e fein agus a’ Bhan-Iarla gach dichioll thall ’s a bhos air iad fein a dheanamh cairdeil, caoimhneil, faoilidh do luchd-aiteachaidh Chanada. Is e boirionnach blath-chridheach, caoimhneil a tha ’s a Bhan-Iarla. Is maith a’s aithne dhi oraid a liobhairt gu pongail, easguidh, druighteach, boidheach, ’us sgearrail, ùr-labhrach. Is ann bho theaghlach onorach a thainig an t-Iarla fein. Is e dream àluinn a tha ’s na Gordanaich bho ’n tainig e. Tha e da rireadh duilich, aite ard-uachdarain Chanada ’lionadh, gun oilbheum a thabhairt seachad, agus gun mearachd air bith a dheanamh. Is iomadh latha fada on bha Albannach a’ riaghladh Chanada roimhe. Mar robh Iarla Abireadhain fuasach comasach, no tapaidh, bha e beusach, caoimhneil, uasal co-dhiu. CONA. Bidh ainmean na muinntir a phàigh anns an ath àireamh. Thusa nach do phàigh fhathast, cuir ugainn do dholar ’s bidh t’ ainm fhéin ann am measg chàch. [TD 18] [Vol. 7. No. 3. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. Na Tri Ubhlan. CAIB. VI. Cha robh e fada ’na chadal an uair a thainig fathach far an robh e. Bha am fathach so, mar bu ghnath le ’sheorsa, a’ cur seachad an latha anns an ait-adhlacaidh, agus a’ falbh air feadh an t-saoghail air an oidhche. An uair a chunnaic e Bedredin ’na chadal air uaigh ’athar, bheachdaich e gu dluth air, agus ar leis nach fhac’ e duine riamh cho briagha ris. Thuirt e ris fhein, “Is ann a tha ’n creutair maiseach so coltach ri aingeal a chuireadh Dia a nuas a Parras a chum daoine an t-saoghail so a bhrosnachadh gu teas ghradh a thoirt dha air son a mhor mhaise.” Mu dheireadh, an uair a bha ’m fathach greis mhath a’ beachdachadh air Bedredin, dh’fhalbh e air iteig do n iarmailt. Cha robh e fad air falbh an uair a thachair bean-shithe ris, agus chuir iad failte air a cheile. ’Na dheigh sin thuirt e rithe, “Thig a nuas do’n ait-adhlacaidh comhladh riumsa far am bheil mi ’fuireach, agus nochdaidh mi dhut duine a tha anabarrach briagha, agus a thaitneas riut cho math ’s a thaitinn e riumsa.” Dh’ aontaich a’ bhean-shithe leis, agus ann am priobadh na sul bha iad aig an uaigh. “Seall air sin,” ars’ am fathach ris a’ bhean-shithe, agus e ’comharrachadh am mach Bhedredin dhi. “Am faca tu duine og riamh cho deas ’s cho dealbhach ’s cho maiseach ris?” An uair a bheachdaich a’ bhean-shithe gu math dluth air Bedredin, thuirt i ris an fhathach, “Tha mi ’g aideachadh gu’m bheil e ’na dhuine anabarrach maiseach. Ach tha mi ’n drasta fhein air tighinn a Cairo far am faca mi an aon bhoirionnach a’s briagha ’chunnaic suil riamh. Is i moran is briagha na’n duine og so; agus ma dh’ eisdeas tu rium, innsidh mi dhut naigheachd iongantach m’ a deidhinn.” “Bidh mi ’n ad chomain ma dh’innseas tu an naigheachd sin dhomh,” ars’ am fathach. “Tha ard-chomhairleach aig righ na h-Eiphit,” ars’ a bhean-shithe, “do’n ainm Shemsedin, agus tha aon nighean aige a tha mu fhichead bliadhna dh’ aois. Cha’n fhacas boirionnach riamh cho briagha rithe. Chual’ an righ gu ’n robh i anabarrach briagha, agus an latha roimhe chuir e fios air a h-athair agus thuirt e ris, ‘Tha mi tuigsinn gu ’m bheil nighean agad a th’ aig aois posaidh; agus tha toil agam a posadh; am bheil thu deonach a toirt dhomh?’ An uair a chual’ an t-ard-chomhairleach an ni a bh’ ann am beachd an righ, ghabh e dragh mor, agus an aite an tairgse a ghabhail le mor aoibhneas mar a dheanadh iomadh fear a bhiodh ’na aite, fhreagair e an righ, agus thuirt e ris, “Le ’r cead, a righ, cha’n eil mise airidh air an urran a tha sibh toileach a chur orm, agus tha mi le mor umhlachd a’ guidhe oirbh gu’n toir sibh mathanas dhomh a chionn nach ’eil mi deonach deanamh mar a tha sibh ag iarraidh. Tha fhios agaibh gu’n robh brathair agam do ’m b’ainm Nuredin, aig an robh a dh’ urram, mar a th’ agam fhein, a bhith ’na ard-chomhairleach agaibh. Thainig ni eiginn eadrainn, a thug air an rioghachd fhagail le cabhaig. Agus o’n uair sin cha chuala mi iomradh air gus o chionn cheithir latha, an uair a chuala mi gu’n do dh’ eug e ann am Balsora, far an robh e ’na ard-chomhairleach aig an righ. Dh’ fhag e aon mhac ’na dheigh, agus bha cordadh eadrainn gu’m posadh a mhac-san mo nighean-sa, nam biodh mac is nighean againn. Agus tha mi deimhin gu’n robh an ni so ’na bheachd-san an uair a dh’ eug e. Agus o’n a tha toil agam cumail ris a’ chordadh a bh’ eadrainn, tha mi ’guidhe oirbh gu’n leig sibh leam seasamh ris. Tha moran de thighearna eile anns a’ chuirt aig am bheil nigheanan mar a th’ agamsa, air am faod sibh, ma chi sibh iomchuidh e, an t-urram sin a chur a tha sibh toileach a chur ormsa.” Bha corruich mhor air righ na h-Eiphit ri Shemsedin a chionn a nighean a dhiultadh dha, agus thuirt e ris, agus e ann am mullach na feirge, “An e so doigh anns am bheil thu ’g am phaigheadh air son mi bhith toileach mi fhein iriosleachadh cho mor ’s gu’n deanainn cleamhnas riut? Leigidh mise fhaicinn dhut gu’n dean mi dioghaltas ort a chionn a’ chridhe bhith agad fear eile a roghnachadh do d’ nighinn air thoiseach ormsa. Tha mise ’toirt m’ fhacail gu’m feum do nighean an seirbhiseach a’s suaraiche a th’ agamsa ’phosadh.” An uair a labhair an righ na briathran so, dh’ ordaich e do ’n ard-chomhairleach e bhith grad fhalbh as a shealladh. Chaidh an t-ard-chomhairleach dhachaidh agus e fo mhor dhragh inntinn. “Air an latha sin fhein chuir an righ fios air an t-seirbhiseach a b’ isle a bh’aige anns an stabull. Tha’n seirbhiseach so ’na dhuine cho granda ’s gu’n cuireadh e eagal air dearg mheirleach. Tha e bronnach, crotach luigeach, spleadhach. An uair a dh’ aithn e do ’n ard-chomhairleach ’aontachadh gu’m posadh e a nighean ris a’ chulaidh-eagail so, thug e fa near gu’n deanteadh an cordadh ’na lathair fhein. “Tha gach ulluchadh feumail air son na bainnse neonaich so a nis deiseil, agus tha na searbhantan a bhuineas do thighearnan na cuirte, aig dorus an taighe-fharagaidh, le an lochrainn ’nan laimh, a’ feitheamh gus an d’ thig fear na bainnse am mach an deis e fhein fharagadh. Tha iad a’ dol comhladh ris far am bheil bean na bainnse. Tha i a nise an deis trusgan na bainnse a chur uimpe. An uair a dh’fhalbh mise a Cairo choinnich na mnathan-uaisle mi agus iad a’ dol ’g a toirt do ’n talla far am bheil aice ri fear na bainnse a choinneachadh; agus tha duil aca ris a h-uile mionaid. Chunnaic mi i, agus air m’ fhacal tha i cho briagha ’s nach urrainn neach sam bith gun tlachd a ghabhail dhith.” An uair a sguir a’ bhean-shithe de labhairt, thuirt am fathach rithe, “A dh’ aindeoin na tha thu ’deanamh de mholadh oirre, cha chreid mi gur urrainn dhi a bhith na ’s briagha na ’n duine og so.” “Cha ’n ’eil mi ’dol a chonnsachadh riut mu’n chuis,” arsa ’bhean-shithe, “oir tha mi ’creidsinn gu’m bu choir gu’m biodh e fhein agus an creutair gradhach air am bheil mi ’bruidhinn air am posadh ri’ cheile. Agus tha mi ’smaointean gu’m bu mhath an obair dhuinn bacadh a chur air a’ ghniomh eucorach a tha righ na h-Eiphit a deanamh; agus an duine og maiseach so a chur ann an aite na traill chrotaich, ghranda a tha’n righ a’ toirt oirre a phosadh g’ a aindeoin. “Tha thu gle cheart,” ars’ am fathach; “tha mi anabarrach fada ’n a do chomain air son na smaointean a chinnich ’na do cheann. Thugamaid an car as? Tha mi ’g aontachadh gur coir dioghaltas a dheanamh air righ na h-Eiphit. Thugamaid comhfhurtachd do dh’ athair na h-ighinn, agus thugamaid toil-inntinn do’n nighinn an aite an doilgheis ris am bheil suil aice. Ni mise gach ni ’n am chomas a’ chum a’ chuis a chur air aghart, agus tha mi deimhin gu’n dean thusa do chuid fhein dhe’n obair. Bheir mise gu ruige Cairo e mu’n duisg e, agus ’na dheigh sin fagaidh mi gach ni ’na do lamhan-sa, agus bheir thu air falbh e a dh’ aiteiginn eile, an uair a chi thu an t-am iomchuidh.” An uair a shuidhich am fathach agus a’ bhean-shithe eatorra fhein gach ni mar bu choir dhaibh a dheanamh, thog am fathach leis Bedredin gu socrach, agus dh’ fhalbh e leis gu ruige Cairo. Cha robh e tiotadh air an rathad. An uair a rainig e, leig e as Bedredin aig dorus taigh’ osda a bha dluth air an taigh-fharagaidh anns an robh am fear crotach ’g a nigheadh fhein. Anns an am dhuisg Bedredin, agus bha ioghnadh anabarrach mor air an uair a fhuair e e-fhein ann am meadhain baile mhoir anns nach robh e riamh roimhe. An uair a bha e ’dol a thoirt glaodh as le ioghnadh, agus a dh’ fheorach c’aite an robh, chuir am fathach a lamh, air a ghualainn, agus thuirt e ris gun fhacal a radh. Anns a’ mhionaid chuir e lochran ann an laimh Bhedredin, agus thuirt e ris e dhol maille ris a’ chuideachd a bha ’falbh o’n taigh-fharagaidh do’n talla anns an robh am posadh gus a bhith. “Tha fear na bainnse crotach,” ars’ esan, “agus tha e furasda gu leor dhut ’aithneachadh. Bi air a laimh dheis agus grad fhosgail do sporan, agus thoir lan do dhuirn de ’n or do’n luchd-ciuil ’s do na dannsairean, agus mar an ceudna do na searbhantan a chi thu ann an cuideachd bean na bainnse an uair a thig iad dluth dhut. Na dean caomhnadh sam bith air an or. Bi cinnteach gu’n toir thu lan do dhuirn do gach neach. Cuimhnich gu’n dean thu gach ni a tha mise ag aithneadh dhut gun dragh inntinn sam bith. Na biodh eagal ort roimh neach sam bith, agus fag a’ chuid eile aig neach a’s airde cumhachd na thu fhein, agus cuiridh e cuisean ann an ordugh mar a chi e fhein iomchuidh.” An uair a fhuair Bedredin na comhairlean so chaidh e gu dorus an taigh-fharagaidh. Las e an lochrann mar a rinn na seirbhisich eile ’bha ’n lathair, agus dh’fhalbh e am measg na cuideachd mar gu’m biodh e ’na sheirbhiseach aig aon a dh’ ard-uaislean a’ bhaile. Bha am fear crotach a’ falbh rompa ’s e marcachd air aon de dh’ eich an righ. Mar a bha ’chuideachd ag imeachd air an aghart, bha Bedredin an drasta ’s a rithist a’ toirt lan a dhuirn dhe ’n or do’n luchd-ciuil ’s do na dannsairean. Bha ’n fhialachd a bha e ’nochdadh, agus a’ mhaise ’s an aoidh a bh’ air a ghnuis a’ toirt air na h-uile gu’n robh iad a’ gabhail tlachd mor dheth. Mu dheireadh rainig a’ chuideachd an taigh aig Shemsedin, an t-ard-chomhairleach. B’ e ’n duine so brathar athar Bhedredin, agus bu bheag a bha e ’smaoineachadh aig an am gu’n robh mac a bhrathar cho dluth air laimh. A chum bacadh a chur air eas-ordugh sam bith, bha na dorsairean a’ cumail nan seirbhiseach aig an robh na lochrainn air falbh o’n dorus air eagal gun rachadh iad a steach. Cha’n fhaigheadh Bedredin a steach na ’s mo na gheibheadh cach. Ged a bha cead aig an luchd-ciuil a dhol a steach, cha rachadh iad a steach mur faigheadh Bedredin cead a dhol a steach comhladh riutha. “Ma ghabhas sibh beachd air,” ars’ iadsan, “tuigidh sibh nach e seirbhiseach a th’ ann. Cha’n ’eil teagamh nach e coigreach a th’ ann aig am bheil toil a’ bhanais ’fhaicinn.” Agus an uair a thuirt iad so, thug iad leotha steach e gun taing do na dorsairean. Thug iad an lochrann as a laimh, agus thug iad do neach eile e. An uair a thugadh a steach do ’n talla e, chuireadh ’na sheasamh e aig deas laimh fir na bainnse. Bha esan ’na shuidhe air langsaid ri taobh bean na bainnse. Ged a bha bean na bainnse air a h-eideadh ann an trusgan anabarrach maiseach, bha ’h-aghaidh a’ nochdadh gu’n robh i air a lionadh le doilghios agus le bron. Cha robh so a’ cur ioghnaidh air neach sam bith a chitheadh an creutair duaichnidh a bha ’n righ a’ toirt oirre a phosadh an aghaidh a toile. Bha mnathan uaisle na cuirte ’nan suidhe air cathraichean air gach taobh de sgiobadh na bainnse, gach aon a reir na h-inbhe anns an robh iad. Agus bha iad uile air an eideadh ann an trusgain a bha anabarrach maiseach, agus coinneal cheireach ann an laimh gach te dhuibh; agus bu chiatach an sealladh a bhith ’g am faicinn. [TD 19] [Vol. 7. No. 3. p. 3] An uair a chaidh Bedredìn a steach do ’n t-seomar, cha b’ urrainn do na mnathan uaisle an suilean a thogail dheth; oir bha e anabarrach tlachdmhor ’na chruth, ’na choslas, agus ’na ghluasad. An uair a shuidh e, dh’ eirich iad uile as an aite ’s an robh iad ’nan suidhe, agus chaidh iad dluth dha, a chum gu’m faigheadh iad sealladh ceart dheth. Agus an uair a shuidh iad far an robh iad roimhe, cha mhor nach robh iad uile ann an trom ghaol air. Ri leantuinn. DOMHNULL AGUS PADRUIG. Anns a’ bhliadhna 1815, dh’fhalbh àireamh de luchd-imrich as a chuid sin de Bhraidalbainn a tha ’criochnachadh ri Loch Tay ann an siorrachd Pheirt, gu tighinn a nall do Chanada Uachdrach. An ceann thri miosan, rainig iad siorrachd Ghlinn-a-Garaidh, far ’n do shuidhich iad air fearann a bha air a thoirt dhaibh saor á grùnnd leis a’ Chrùn. Tha cuid de ’n sliochd air an fhearann sin gus an litha ’n diugh. Shuidhich dithis de na daoine còire air fearainn ri taobh a chéile. Bheir sinn Dòmhnull mar ainm air an darna fear agus Pàdruig air an fhear eile. Bha Domhnull na dhuine a ghabhadh an saoghal air a shocair; bha deagh chridhe ’na chom, agus cha robh cron sam bith ann d’a choimhearsnach. Ach bha e anabarrach trom air an t-snaoisein; bha ’m bocsa snaoisein ri laimh daonnan, agus cha d’ thàinig duine riamh ’na rathad do nach do thairg e na thigeadh ris de’n stuth a bh’ ann. Bha an deagh shròn air fhéin agus chuireadh i as do bharrachd snaoisein ’sa chuireadh dusan sròn chumanta. Na ’m biodh i dhith an t-snaoisein uine sam bith, bhiodh a maighstir ann an suidheachadh truagh. Feumar aideachadh nach robh àm a b’ acraiche sròn Dhomhnuill na an uair a bhiodh e anns an eaglais. Chromadh e a cheann, agus ghabhadh e lan na spàinne bige dhe’n t-snaoisein, agus an sin leigeadh e dha no tri de shreathardan a bheireadh mac-talla á ceithir ballachan na h-eaglais. Gheibhear anns gach cearna de’n t-saoghal air an latha ’n diugh daoine a ghabhas orra fhéin a bhi ’nan luchd-amhairc thairis air beusan mhuinntir eile, agus faodar a bhi cinnteach nach robh an saoghal as an aonias anns na làithean a dh’ aom. Bha daoine dhe’n t-seorsa sin ann an siorrachd Ghlinn-a-Garaidh toiseach na linne so, agus b’ ann dhiubh Pàdruig. ’S fhada mus fhaichte sadach snaoisein air broilleach a léine ghil-san no air a chasaig dhuibh ’nuair a nochdadh e e-fhéin anns an eaglais air maduinn na Sàbaid. Bhiodh aghaidh cho cràbhach ’sa b’ urrrainn dha a chumail, agus cha robh an gille bu sgaomaiche ’san sgireachd comasach air dad de ’aotromas a nochdadh ’na làthair. Bha earaillean aige g’ an toirt air sean ’s air òg, ann an àm agus ann an an-àm, agus na bheachd fhéin bha iad sin a’ gabhail àite na fialuidheachd a bhiodh iomchuidh dha a chleachdadh ann an cur air adhart nithean a bhiodh a chum a leas féin agus math a choimhearsnaich. Chaidh aig air a thoirt a chreidsinn air bean Dhòmhnuill gu’m b’ fhear-iodhall-aoraidh a céile, agus gu’m b’ e an dia bréige dhan robh e a latha ’sa dh’ oidhche a deanamh ùmhlachd, an snaoisean. Leis gach earail a bha e faotainn o Phàdruìg am folais, agus o Chaorstaidh, a bhean, gu diomhair, bha cluasan Dhomhnuill air an cumail gu math teth. Bha eagal air ’na chridhe fhéin nach robh iad uile gu leir cearr anns na bha iad ag radh dha thaobh. Bha deagh fhios aige gu robh àrd-uachdaranachd aig an t-snaoisean air, oir cha robh uair a dh’fheuch e ri sgur dheth nach do dh’ fhairtlich e air, agus an deigh ionnsuidh a thoirt air sgur dheth bhiodh e na bu truim’ air na bha e riamh roimhe. A chum ’s gu’m faiceadh Dòmhnull le shùilean fhéin na bha e ’cosg ris an t-snaoisean, fhuair Pàdruig a mach le geur cheasnachadh na bha e a’ cur a dh’ airgead ann gach bliadhna, agus an sin thòiseach e-fhéin air cur ma seach na suime sin gus an robh aige na cheannaich làir bhriagha a bh’ aig fear da ’nabuidhean. Thug e an làir so mar ghibht d’a mhnaoi, a bha mar sin comasach air a dhol do’n t-searmon ’s de bhùth a’ cheannaiche, no do àite sam bith a bhiodh i deònach a dhol, gu socair, agus gun chùram no eagal gu’m fliuchadh i a casan. ’S ann a’ marcachd a bhitheadh i, oir anns na h-amannan ud cha robh carbadan ri’m faotainn ’s an dùthaich, agus ge do bhitheadh, cha robh ròidean ann air an gabhadh iad cuidhleadh. Cha b’ fhada gus an robh fhios aig gach aon ’s an sgireachd, sean us òg, mar a chaidh an làir dhonn a cheannach, agus ’se “lair an t-snaoisein” a b’ ainm dhi o sin a mach. Cha d’ fhuair Dòmhnull buille cho goirt riamh roimhe; cha robh deò de’ dhuinealas air fhagàil ’nuair a chunnaic e bean Phàdruig a marcachd “lair an t-snaoisein,” air a giùlan leatha gu tiaruinte thar clachan us maidean, sluic us cnuic an rathaid mhòir, cho aotrom ’s air cho ullach ’sa bha Sindbad an Seòladair air a ghiulan air sgiathan an roc. Ma bha “lair an t-snaoisein” a’ cur dorrain air Dòmhnull, ’s ann air bean Dhòmhnuill a bha i ’cur an dorrain da rireadh. Cha robh uair a chitheadh i bean Phàdruig ’s an làir dhonn air an rathad nach robh i air a losgadh gu ’cridhe, agus bha aig Dòmhnull ri a cuid truid a ghiùlan mar a b’ fhearr a b’ urrainn dha. “Mur biodh Domhull ’na fhear iodhal-aoraidh,” arsa Caorstaidh rithe fhein, “dh’fhaodainnsa bhi air an aon doigh ri bean Phadruig, a’ marcachd air feadh na dùthcha, mar a chithinn iomchuidh.” Ach ’se am peanas a bha ri bhi air a chur air Dòmhnull anns an t-saoghal ri teachd a bha ’cur na fior iomguin air Caorstaidh; cha mhor nach robh a bhi smaoineachadh air sin a’ bristeadh a cridhe. Beagan us mios an deigh do “lair an t-snaoisein” a bhi air a ceannach, bha bean Phàdruig aon latha air chéilidh an tigh coimhearsnaich, agus air dhi a bhi dol dhachaidh, thug i air an làir dhuinn leum thairis air clais dhomhainn uisge a bha ’san rathad. B’àbhaist dhi a bhi gle fhortanach ann an càsan de’n t-seòrs’ ud, ach bha mi-fhortan an dàn dhi air an turus so. Chaill an lair dhonn greim a casan, thuit am beothach bochd dh’ an chlais, agus chaidh i á cnàmh na h-amhach. Fhuair a bana-mharcaiche i-fhéin ’na sineadh air bruaich na claise, agus a gàirdean air a bhristeadh. ’Nuair a chuala Caorstaidh mar a thachair, ghreas i leas an sgeul gu Dòmhnull, a bha aig a cheart àm a’ caradh mogais, a bha e ’n deigh a chur dheth chois. Ceart cho luath ’sa thuig Dòmhnull gne an sgiorradh a bh’ann, bha an t-uallach a bh’ air a mor ghiulan air a thoirt air falbh. Leum e gu grad bhar na caithreach, air an robh e ’na shuidhe, leig e sgriach aoibhneis as mar gu’m b’ aon de dh’ Innseanaich fiadhaich na coille e, thòisich e air feadaireachd a phuirt “Seann Triubhas,” ’s air dannsa gu h-iollagach, ’s greim aig air iallan na mogais ’se deanamh cuairt leatha os a chionn, a’ cumail tim ri chuid ciùil fhéin le cas ruisgte ’s le cas mhoguiseach. Cha robh fhios aig a bhean gu de dheanadh no theireadh i gus’ ’n do shuidh Domhnull ’se na shruthan faluis, agus e cho toilichte ris an righ. B’àbhaist dha na h-uile geamhradh a dhol gu bhaile mor Mhontreal, a reic na bhiodh aige ri sheachnadh de thoradh na talmhainn agus a cheannach a na bhiodh de bhathar a dhith air; chuir e roimhe, cho luath ’sa fhuair e ’fhalus a thiormachadh, ’nuair a rachadh e air an turus sin a bhliadhna ud gu’n cuireadh e air leth uiread airgid ’sa chosgadh gàirdean briste na mnatha do Phàdruig, agus gu’n ceannaicheadh e fhiach de’n t-snaoisein a b’ fhearr a bhiodh ri fhaotainn ’sa bhaile. Rinn e sin gu litireil, agus chaidh iomadh latha agus mios seachad mu’m fhacas “adharc” Dhomhnuill falamh; ’s iomadh uair chridheil a chuir e fhéin ’sa chàirdean seachad a’ gabhail feum an t-snaoisein, ma bha feum ann. Rinn am bàs muladach a thainig air “làir an t-snaoisein,” cuide ris an sgiorradh a dh’éirich d’a mhnaoi, atharrachadh mor a thoirt air Pàdruig, agus mar an ceudna air bean Dhomhnuill; agus gu latha ’bhàis dh’fhaodadh an duine còir sin na thigeadh ri ’shroin dhe’n t-snaoisein a ghabhail àm sam bith, gun a bhean fhéin no Pàdruig guth a radh ’na aghaidh. DOMHNULL MAC ’ILLEASBUIG. RIGH SEUMAS AGUS AN CIOBAIR. Bha righ Seumas V. na h-Alba na dhuine ro ait, ’s bu taitneach leis gu minic greadhnachas a lùchairt fhàgail agus gu h-iorasal cuairt a thoirt ann an riochd neach eile, air feadh na dùthcha, a’ cumail cuideachd ris na h-iochdarain bhochd a bha ’na rioghachd, a thoirt aire d’ an caithe-beatha, d’ an cleachda ’s d’ an giùlan, ’s co-pàirteachadh leo d’ an teachd-an-tir neo-riomhach, ’s do ’n t-sùgradh chòir, thlachdmhor a bhiodh aca féin. Air uair de na h-uairean, dh’ éirich dha tachairt air ciobair a bha ri taobh tuim am bun a threud ’s e cur seachad na h-aimsireach a’ càramh a bhròg. Rinn an righ suidhe làimh ris is thòisich e ri conaltradh ris, ’s cha bu neo-thlachdmhor leis a chuideachd, ’s an deigh moran seanchais a dhèanamh ris chuir e folach air a mhinidh bh’ aige ris na brògan ’s ’nuair dh’ ionndrainneadh leis a chiobair e dh’ amhairc e air a shon mu’n cuairt da gu furachail, cùramach, ’s an uair a dh’ fhairtlich air fhaotainn, dh’ fheòraich e de’n righ an robh fhios aige air dad mu dheibhinn. Air a shon so, leig an righ air féin gu’n do ghabh e fearg mhor, ’s thuirt e ris a chiobair, ’s e bruidhinn ann an dòigh ro àrdanach, “A bhalaich, na biodh de dhànadas agad smuainteachadh no idir a ràdh gu’n tugainn-sa leam do mhinidh.” Fhreagair an ciobair còir gu calma, mar so (gun fhios aige co bh’ aige) “Cha’n eil mis’ ag ràdh riut, as an aodann gu’n d’ thug thu leat e, ach tha mi fiosrach mur biodh a h-aon an so ach mi-fhein ’s mo chù dubh nach biodh e air chall orm.” Thòisich an righ an sin air a smàdadh ann am briathraibh ro thàireil a bha ciallachadh gu’n gabhadh e air ’nam b’ fhiach dha teannadh ris, Sheall an ciobair còir air ’s e tilgeadh dheth a bhreacain ’s a toirt a mach sgìne ’s peighinn no dha de airgiod is faoineis eile ’bha na phòca, thuirt e ris, “cuiridh mi na th’ agam an so an geall riut ma theid mi ’d dhàil ann an gleachd gu’n cuir mi fodham ’s gu’n ciosnaich mi thu, is feuchaidh mi buille no dha leat leis na dùirn as a dheigh sin ma’s e do thoil-sa.” Ghabh na fir an caramh a chéile, ’s air a cheud char chuir Eoghann an righ fodha. Chaidh iad an sin ann am foirm “bualaidh” ’s thug iad buille no dha gu smiorail, ach mu dheireadh b’ fheudar do’n righ striochdadh d’ a cho-sheise. Thug e ’n sin mathair-aobhair na h aimhreit, a mhinidh, air lom, ’s dh’ iarr e maitheanas air Eoghann, ag innseadh dha gu’m b’ ann le feala-dha a thòisich e, ’s gu’n deanadh iad réite, ’s an uair a bha iad a crathadh lamhan le chéile chàirich an righ mìr òir ann am bois Eoghain ’s thuirt e ris, “A dhuine bhochd ’s airidh thu air dreuchd ni’s fearr na th’ agad, agus tha e ’m chomas-sa sin a thoirt dhuit, agus innis dhomh ciod an dreuchd a’s roghnaiche leat.” “Ma ta le’r cead,” ars’ an duine bochd (’s e toirt an aire gu’m bu neach eigin measail a bh’ aige ged nach robh fios aige co e), “cha’n eil mise ro dhéigheil urram an t-saoghail so, ach ma tha eòlas agaibh air mo mhaighistir, ’s toil agaibh feum a dheanamh dhòmh sa, feuchaibh an cuir sibh impidh air ciobaireachd an àit ud (’s e ’ga ainmeachadh) a thoirt dhomh am feadh is beò mi, o’n a bhithinn air (Air a leantuinn air taobh 22.) [TD 20] [Vol. 7. No. 3. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth, ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na eolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B. OGUST 12, 1898. PARLAMAID OTTABHA. Da rireadh, tha na Pàrlamaidean lionmhor ann an Canada. Mur bheil gnothuichean cudthromach na dùthcha air an riaghladh gu maith ’us gu ro-mhaith, cha ’n urrainn neach air bith a radh nach ’eil àireamh mhor de Bhuill-Pàrlamaid againn bho aon chuan stuadhach gu cuain farsuing eile. Nam bitheadh aig ar Pàrlamaidean an gliocas agus an t-ionracas air am bheil iad gun tamh a’ deanamh luaidh, bhitheadh cuisean iomadach Chanada ann an uidheam thaitneach, thearuinte, thlachdmhor. Tha, gun teagamh, Canada ’paigheadh airgid moir doibhsan a tha ’gabhail os laimh ar dùthaich a riaghladh gu ceart, gu h-onorach ’us gu comasach. Is abhaist doibh-san a bhuineas do chuideachd air bith a bhi ’g am moladh fein le guth ard, dàna, ’s a bhi ’cumail a mach ann an òraidean fuaimneach, deas bhriathrach, gur ann doibhsan a’s coir do ’n dùthaich, a cuisean, agus a riaghladh a thabhairt, oir co cinnteach ris a’ bhàs, ni iadsan oidheirp ’us dichioll le ceartas, ’us firinnteachd ’us ionracas, air an aire ’s fhearr a thabhairt do ’n dùthaich ’us do gach maoin, ’us saoibhreas, ’us innleachd, ’us malairt a tha aice. Cha ’n ann gun dragh ’us imcheist nach robh suarach a chaidh Roinnean Chanada ’nasgadh r’a cheile. Nach bu choir, faodaidh neach air bith a radh, do luchd-aiteachaidh Nobha Scotia, ’s Bhrunsuic Nuaidh, ’us Eilean a’ Phrionnsa ’bhi toilichte le aona Phàrlamaid. Bhitheadh air an dòigh so, moran airgid air a chaomhnadh, am feadh a bhitheadh gach curam ’us aire air am buileachadh air na nithean a bhuineas gu sonruichte do na tri Roinnean a dh’ ainmich mi. Tha e follaiseach gu leoir, nach ann gun doilgheas ’us dragh anabarrach a bheir daoine air bith suas gach inbhe, ’s onoir, ’us cumhachd, ’us samhladh riaghlaidh ’us rioghachaidh a bha riamh aca. Cha ’n fhaigh na Roinnean ud re uine fhada aon Phàrlamaid. Thig an t-àm anns an tog ciall ’us reuson an ceann gu laidir, ceanalta, ’s anns am faic daoine tuigseach nan Roinnean ud nach ’eil feum, no maith, no stath soilleir air bith ann a bhi ’gleidheadh tri Pàrlamaidean suas, am feadh a dh’ fhaodadh aon Phàrlamaid leis na daoine tapaidh, ealanta, deanadach a rachadh innte, curam gasda ’ghabhail do chùisean ’us do mhalairt nan roinnean iochdrach, agus dichioll ’us treoir a nochdadh anns gach ionmhas eisg, ’us guail, ’us mèinn a thabhairt am follais, agus a charamh ann am margadh mor ’us leathann an t-saoghail gu h-iomlan. Tha Newfoundland fathast deonach air leantuinn le ’fein, agus gun chairdeas dluth no aonachadh daimheil a bhi aice ri Canada. Tha eagal orm gu bheil ughdarras tuille ’s cumhachdach acasan anns an eilean ud, aig am bheil greim daingeann air an iasgaireachd, ’s a tha iarrtuiseach air malairt an eilean a ghleidheadh gu buileach ’nan lamhan fein. Is ann air taobh thall a’ chuain, tha mi ’tuigsinn, a tha na daoine so ’gabhail comhnuidh, agus is ann g’ an ionnsuidh fein is aill leo gach iasg ’us malairt, leis gach airgiod a ghabhas cosnadh air an doigh so, a thabhairt. Thainig an t-àm anns am bheil e mar fhiachaibh air Newfoundland na geimhlean geur ’us cruaidh ud a bhristeadh as a cheile, ’s air saorsa cheart ’fhaotainn di fein ’us da daoine. Nam bitheadh i cheana, mar bu choir di, dluth cheangailte ri Canada, thigeadh crioch ann an uine ghearr air gach dalmachd a tha na Frangaich ’nochdadh, le bhi ’g agairt coir air cuibhrionn de ’n eilean airson cothrom a thabhairt d’ an iasgairean air maghar ’fhaotainn ’s air an liontan a sgaoileadh agus a thiormachadh. Tha MAC-TALLA ’s mi fein a’ creidsinn gu tainig an t-àm anns an coir oidheirp mhor a dheanamh air na Frangaich a riarachadh agus crioch a chur gu brath air gach sealbh a tha iad ag iarruidh agus deonach a ghabhail ann an oirean agus ann an cladach Newfoundland. Is min-eolach tha MAC-TALLA ’s mi fein air na geallaidhean arda ’s lionmhor a’s gnath do ’n chuideachd a tha ’n aghaidh luchd-riaghlaidh na dùthcha ’bhi ’tabhairt seachad le briathran dùrachdach, snasmhor. Ann am beachd na cuideachd so, tha gach ni ’tha ’n luchd-riaghlaidh a’ deanamh, cearr agus truagh. Tha iad a’ struidheadh ionmhais na dùthcha gu h-amaideach ’us gu mi-onorach. Is e luchd-riaghlaidh gun stuaim, gun ionracas, gun ghliocas, gun fhirinteachd, a tha annta. Feumar an cumhachd a thabhairt uatha air ball; agus an uair a gheibh a’ chuideachd a tha ’labhairt gu gaisgeil, dealasach air a mhodh so, greim air stiuir na rioghachd, ni iadsan seoladaireachd àluinn. Bitheadh iad direach, guamach, measail, glan ’us uasal. Thig na cisean a nuas: agus chi gach neach anns gach baile ’s port gu tainig latha grianach air an tir, agus gur ann do ’n luchd-riaghlaidh ùir da rireadh a’s aithne seoladh maith, fabharach a dheanamh ann an uisgeachan seimh, flathail, gun stoirm, no torman uaibhreach, no sruth borb air bith. Is ann mar so, le geallaidhean milis, boidheach, a fhuair a chuideachd a tha ’nis a’ stiuradh na luinge againn, a’ chumhachd a tha iad a’ sealbhachadh. Is e cridheachan farsuing, laghach, carthannach, a’s coir do MHAC-TALLA ’s d’a chairdean uile ’bhi aca ’s altrum. Far am bheil luchd-riaghlaidh a’ deanamh an dichioll ’s an culaidh-mhaitheis; far am bheil iad dileas, ’us le ceartas ’us firinn a’ riaghladh na tir: tha iad airidh air cliu ’s air moladh. Sgaoil Pàrlamaid Ottabha bho cheann seachduinn no dha. Tha cairdean an luchd-riaghlaidh ag aideachadh nach d’ rinn iad euchd air bith; nach do thaisbean iad inntinn gheur, dhomhain; nach do dhearbh iad gu bheil iarrtas suidhichte aca a bhi ’cur an gniomh nan geallaidhean foghainteach a rinn iad, ’us gu bheil iad gu mor ni ’s laige air feadh Chanada na bha iad mu ’n àm so an uiridh. Tha eagal mor orm nach ’eil aig Laurier, ged is e Frangach modhail, beusach a tha ann, an treubhantas inntinn ’us cridhe ’dh’ fheumas esan a bhi aige a tha air ceann luchd-riaghlaidh na dùthcha. An àite ’bhi ’lughdachadh ain-fhiach ’us costuis Chanada, is ann ’tha e fein ’us a luchd-comhairle ’meudachadh gu luath cost ’us cisean na tir. Tha e cearbach nach ’eil an luchd-riaghlaidh daonnan ag iarruidh tairgse an ear ’s an iar airson gach obair ’us rathad-iaruinn, ’us airson gach biadh ’us eudach air am bi feum aca, do gach gniomh ’us seirbhiseach a bhuineas do Chanada. Tha ’n Ridir Tearlach Tupper, fathast deas-bhriathrach, agus geur ’us treun ’na inntinn agus ann an deasboireachd. Is maith a’s aithne do Fhoster coire ’fhaotainn agus mearachdan fhaicinn agus a’ chomharrachadh a mach. Tha e deas ’us fileanta gach uair a tha ’Phàrlamaid a’ toirt aire do ionmhas na dùthcha. B’ fhearr gu deanamh buill na Pàrlamaid ni ’s lugha de mholadh orra fein, agus ni ’s lugha de chaineadh air na buill agus air a’ chuideachd a tha air taobh eile ’n tighe. Bitheadh iad uile eudmhor as leth na corach agus an ionracais, agus an aghaidh gach ana-ceartais ’us foill, agus gach ni nach ’eil glan, àrd, uasal, oirdheirc. Thainig an t-àm anns an coir do gach duine tuigseach anns an dùthaich gun a bhi air a chumail sios le geimhlean na cuideachd d’ am buin e; ach le neart, ’us saorsa, ’us duinealas, ’us le gradh seasmhach do ’n ionracas, innseadh nach tabhair esan gnuis no cuideachadh air bith do luchd-riaghlaidh nach bi dileas d’ an geallaidhean, agus nach bi guamach, uasal, dichiollach treibhdhireach, neo-lochdach. CONA. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. [TD 21] [Vol. 7. No. 3. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thainig Sir Tearlach Tupper do’n bhaile so oidhche Di-ciadnin; tha e gu bhi anns an t-siorrachd fad dha no tri sheachdainean. Chaidh fear Alastair Friseal a ghlacadh ann an Nobha Scotia an latha roimhe air son oifis a phosta ann an Sheet Harbor a robaigeadh ’sa chur ’na theine. Tha am fiar gu bhi gle mhath ann an Nobha Scotia air an fhoghar so; na’s fhearr na bha e o chionn iomadh bliadhna. Tha gach seorsa barra eile gle ghealltanach cuideachd. Tha àireamh mhor de chuirp nan daoine a chaidh a chall leis an t-soitheach Burgogne nach deach a thoirt air falbh fhathast, agus thatar ’g am faicinn anns an uisge le soithichean a tha ’dol seachad air an àite anns ’n do chailleadh an soitheach. Cho iomraiteach ’s gu robh an Clondaic, cha’n iad na sgèoil a’s fhearr a tha tighinn as aig an àm so. Tha àireamh mhath ann, gun teagamh, a tha ’n deigh am fortan a dheanamh, agus àireamh nach beag a’ deanamh am fortain, ach tha moran de na chaidh ann nach eil eadhon a’ faotainn obrach, agus a tha an deigh na bha aca de chuid an t-saoghail a chall. Chaidh da iasgair a chur air tir ann an Liverpool, N. S., air an t-seachdain s’a chaidh, an deigh dhaibh a bhi mach air a chuan ann am bàta beag fad sheachd latha. Buinidh fear dhiubh do Nobha Scotia agus am fear eile do Australia. Bha iad ag obair air soitheach iasgaich Geancach. Cha mhor nach robh iad air toirt suas leis an acras ’nuair a fhuaireadh iad. Chaidh an car a thoirt á aireamh mhor dhaoine anns na Stàitean le fear d’am b’ ainm Jarnegan, a bha ’gabhail air gu robh e air dòigh fhaotainn air òr a thoirt á sàl na mara. Chuir moran dhaoine beairteach roinn de’n cuid airgeid ann, an duil gu robh iad a’ dol a dheanamh saoibhreas mor, ach bha iad air am mealladh. Fhuair Jarnegan mu $350.000 de’n airgead agus o chionn da sheachdain air ais theich e do’n Fhraing. Cha’n eil fhios fhathast co-dhiu ghabhas e toirt air ais as an dùthaich sin gu cùirt a sheasamh no nach gabh. ’S iongantach na h-innleachdan a ni cuid a dhaoine dhealbh air son airgead fhaotainn, agus tha e cheart cho iongantach sin cho ullamh ’sa tha cuid eile gu bhi air an ribeadh leis na h-innleachdan sin. Cha’n fhada ’n ùine nise gus an gabh litir cur do chearna sam bith de Chanada, do Newfoundland, do Bhreatuinn, agus do dha no tri dhuthchannan eile air son da shent an àite tri mar a tha ’n dràsda. Tha sin gle cheart, agus ni e Canada agus an t-Seann Duthaich a tharruing na’s dluithe dha cheile na bha iad riamh roimhe, oir bidh barrachd mor de litrichean a dol air ais ’s air adhart eadar an da dhùthaich ’sa b’àbhaist; ni sin an sluagh na’s eòlaiche air a chéile, agus bidh an seann chàirdeas agus an dàimh air a dhùsgadh suas a rithist. Tha Canada gun teagamh anns na bliadhnaichean so a teannadh na’s dlùithe ’s na’s dluithe air an dùthaich mhathaireil, agus tha an sluagh taobh air thaobh gle bhuidheach gu bheil. Cosgaidh litir a chur do na Stàitean tri sentichean, mar a b’àbhaist. Faodar a radh gu bheil an cogadh seachad; tha teachdairean o’n Spainn ’s o na Stàitean ri bhi cuideachd an uine ghoirid gus an réit a dheanamh, agus gach ni a chur air dòigh. Cha’n urrainn do’n Spàinn dad a dheanamh ach gabhail ris na cumhachan a thairgeas na Stàitean dhi, agus cha ’n eil teagamh nach bi luchd-riaghlaidh na dùthcha sin cho aotrom oirre ’s is urrainn dhaibh. ’S math an gnothuch gu bheil crioch air tigh’nn air an t-stri fhuilteach. Air an naodhamh latha fichead dhe ’n mhios s’a tighinn, tha cothrom ri bhi air a thoirt do mhuinntir Chanada air a radh co-dhiu tha no nach eil iad air son bacail iomlan a chur air deanamh agus reic deoch làidir anns an dùthaich. Is ceist chudthromach so, agus is còir do gach duine a chùis a rannsachadh a mach dha féin a chum ’s gu’n teid aige air a freagairt gu cogaiseach agus gu ceart. Tha sinn an dòchas nach eil duine anns an dùthaich a tha cho coma-co-dhiu mu’n chùis ’s nach dean e dhol a mach a bhòtadh; cha’n eil a leithid sin ceart. Tha aig an Ard-Riaghladh ris an darna cuid a dheanamh a thaobh an stuth làidir, a bhacail gu buileach no a bhi ’ga cheadachadh mar a thatar aig an am a deanamh, ach mu’n dean iad cuid seach cuid, tha iad air son barail an t-sluaigh fhaotainn, agus ’se dleasanas an t-sluaigh am barail a thoirt dhaibh. Ma tha neach a creidsinn gu’m biodh e a chum buannachd na dùthcha reic agus deanamh stuth làidir a bhacadh, rachadh e mach mar dhuine air an lath’ ud agus thoireadh e a bhòt a réir sin. Ma tha e dhe’n bharail nach bitheadh, cuireadh e a bharail an ceill air an dòigh cheudna. Ach na deanadh e idir fuireach aig an tigh air an lath’ ud mur eil e lan dheònach air a bhi striochte leis a bhinn a bheirear a mach leis an àireamh a’s motha dhiubhsan a theid a mach, agus a ni am dleasanas. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt. R Mac Neill, Sidni, C. B. Am bheil thu air son a’ Ghàilig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. [TD 22] [Vol. 7. No. 3. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 19.) mo shuidheachadh ann ni bu shocraiche ’na tha mi ’n so, ’s o’n a gheibhinn ann min a’s bainne gu pailt, cha’n eil mi ag iarraidh tuille de shòlas na beatha so agus thig mi beò cho sona ris an righ fein.” Tha e air aithris gu ’n d’ fhuaradh dha na bha e miannachadh, agus gu’n cualas righ Seumas féin gu minic ag ràdh nach robh farmad aige ri neach ’na rioghachd ach ris a chiobair a bh’ air Strath Chonain. Bha ’n duine bochd so ro thoilichte le ’chranchur, agus ’s math a dh’ fhaodas a sheòrsa ’bhith mar sin—Tha iad air falbh o othail ’s o ùpraid na beatha, ’s ged tha iad ag eiridh moch ’s a luidhe anmoch, a cosnadh an arain le fallas an gruadhach, tha iad a mealtuinn slàint’ a’s fallainneachd chorporra na lorg sin, agus ’nuair a gheibh iad an t-socair bi’dh i milis, taitneach leò; ’s cha’n ionann ’s mar dh’ eirich do dhreamaibh eile th’ ann an staid ’s an t-shoghal a caitheamh am beatha an diomhanas, ’s ged tha ’n t-socair aca nach urrainn toilinntinn fhaotainn uaipe. Air fiamh na gréine theachd do’n speur o’n chuan, A thilgeadh soillse thar gach coille ’s chuan, ’S a mhaduinn chiùin, ’s am feur fuidh dhriùchd ro throm, ’S na h-eòin ’nan coisridh ’m bàrr nan òb ’s nan tom, A seinn an ceòil gu fonnmhor bòidheach binn, ’S mac-tall’ nan creag co-fhreagradh d’ an seinn. ’M “fear-dùthcha” suairce dùisgidh suas á shuain; S ann leis bu taitneach claistinneachd na fuaim. Gu sunndach ait gu’n d’ thug e mach do’n raon, ’N deigh ’sgios ’s an oidhche ’chuir á chuimhn’ gu faoin, R’a obair chleachdta teannaidh e, gun dàil, A chuireas neart a’s fallaineachd ’na chàil, A’s miann air maoin cha chràidh ’s cha chlaoidh a chrì’, S e mealtuinn neart a’s fallaineachd mar ni. Tha fear-dùthch’ irisiol a’ mealtuinn slàinte cuirp, agus tha sàr-chothrom aig’ air amharc air slàint’ anama neo bhàsmhor; oir cha’n eil cho lion buaireadh fa chomhair, gu thoirt a thaoibh o shlighe cheartais ’s a tha aig iomadh neach eile tha caitheamh beatha ni’s greadhnaiche.—T G. ’sa Highland News. SEANA GHAIDHEAL AIR IOMRALL. Bha o chionn mhoran bhliadhnaichean air ais da bhràthair ann an Cola. Bha bàta beag aca leis am bitheadh iad a dol do Ghlaschu le luchd uibhean. Bha fear dhiu nach robh ach òg agus e gun dad de sgoil, ach bha e ’na ghille cruaidh tapaidh. ’S e Seumas a b’ ainm dha. ’S e Pàraig a bh’ air an fhear eile agus e gu math ni bu shine; duine mor, garbh, làidir, làn sgoil is Beurla. Rainig na seòid Glaschu. Chaidh Pàraig air tir a dh’ fhaotainn marsanta do na h-uibhean, agus dh’ fhàg e cùram a bhàta air Seumas. ’S e bh’ ann nach robh a shaod air Pàraig tilleadh. Thachair cairdean is luchd-eòlais air agus chaidh iad a stigh do thigh-òsda ’s cha robh iad fada an sin ’nuair a dh’ fhàs Pàraig blàth, ’s cha robh guth no cuimhn’ air na h-uidhean no air a bhàta. Bha Seumas a gabhail fadail nach robh Pàraig a tighinn agus smaoinich e gu ’n rachadh e air tir tacan. Rinn e sin ’s cha robh e fada a coiseachd ’n uair a chaill e sealladh air a’ phort ’s air na bàtaichean, leis na togalaichean mora briagha a bha ’g éiridh air gach laimh. Sheas e ’n sin ’s chuimhnich e air a bhàta. Theagauh gu’n robh na h uibhean air an goid! Rinn e air son tilleadh ach an àite tilleadh ’s ann a bha e dol ni b’ fhaide o’n chala. ’Nuair a bha e ’gabhail fadail nach robh e ’faicinn a bhàta ruith e chum a bhi ni bu luaithe chionn bha e casruisgte agus aotrom air son ruith. Chaidh e mu dheireadh a stigh do bhùth agus ghlaodh e—“Am bheil Gàidhlig an so?” Ma fhreagair duine e cha do thuig esan. Thill e mach as agus chaidh e stigh do bhùth no dha eile ach cha d’ fhuair e Gàidhlig. Bha e ’n sin greis a’ coiseachd ’s e fàs sgith, ach sùil ’g an tug e chunnaic e duine gasda coltas a’ marcachd air each odhar. Sheall e suas air an duine so agus thubhairt e—“Am bheil Gàidhlig agadsa?” Cha do charuich am fear ud ceann no cas. Chuala duin’-uasal air choir-eigin e a’ bruidhinn ’s thainig e nall. Bhruidhinn am balach ris mar a b’ fhearr a b’ urrainn dha ann am Beurla, ag ràdh—“The boat and the sea and the Broomielaw and the eggs come away;” Thuig an duin’-uasal dé bha cearr agus dh’ fhalbh e agus Seumas aig’ air laimh. ’N uair a chunnaic Seumas croinn nam bàtaichean ruith a an deannaibh nam bonn ’s dh’ fhàg e an duin’-uasal còir as a dhéigh. Ghabh e air bòrd ’s e gle acrach, chaidh e sios do’n toll-thoisich air son biadh fhaotainn ach ’n uair a sheall e sios bha duine stigh gu ruig na cruachainnean ann an ciste Phàraig. Leum e gu h-ealamh agus dhùin e am bòrd uachdair air druim an duine agus shuidh e féin air a mhuin, ’s e glaodhaich—“O, Phàraig, a Phàraig!” Ach ’s e gille nam putan airgid bu luaithe thàinig, ’s ghabh e grein air a mheirleach ’s thug e leis e. Thill Pàraig an dorcha na h-oidhche ’s na sràidean cumhann dha. Dh’ innis Seumas dha gach ni mar a thachair—gu’n do bhruidhinn e ri fear a bha air muin each odhar, ’s nach b’ fhiach leis a fhreagairt. ’N uair a thill Seumas d’ a dhùthaich dh’ ionnsaich e ceaird agus sgoil agus fhuair e air aghaidh gu math anns an t-saoghal.—C. H. C. ’sa Highland News. DEAS FHREAGAIRT. Bha saighdeir là dol suas an t-sràid ann am baile Hamilton, a’s sogan ’na cheann an deigh dha bhi greis ’s an tigh-òsda. Thachair e air caillich bhochd ’s chuir e fàilt oirre—“Cia mar tha sibh, a mhàthair?” “Tha mi ’n eatorras,” ars’ ise, “ach b’ fheairrde mi fios a bhi agam co tha ’g am fhoighneachd.” “Nach aithne dhut idir mi?” ars’ an spailpeir dearg. “Cha’n aithne gu dearbh,” ars’ a chailleach, “cha ’n fhiosrach mi gu ’m faca mi riamh thu.” “An ann mar sin a tha,” ars’ esan—“Is mise ma ta, mac peathar an ‘fhir ud.’” “Am bheil thu fhein ag ràdh sin,” ars’ a’ chailleach, “Ma ta, tha thu fior choltach ri bràthair do mhàthar!” LITIR A LUNNAINN. FHIR-DEASACHAIDH—Tha an t-àm gu bhi pàigheadh airson MAC-TALLA air tighinn mu’n cuairt aon uair eile, agus tha mi gu toileach a cur chugaibh anns an litir so òrdugh airson £2, 17s. Leanaidh sibh air a stiùireadh a dh’ ionnsaidh nan càirdean a tha mi ag ainmeachadh aig deireadh na duilleige. Chuir e mor eibhneas orm a bhi leughadh anns an àireamh mu dheireadh a fhuair mi de ’n phaipeir gu ’m bheil sibh a dol ’ga mheudachadh a rithist, oir tha so na chomharradh gu bheil bhur seann chairdean fathast dileas, agus gu’m beil càirdean ùra a tional mu’n cuairt oirbh. Tha fior Ghàidheil anns gach cearna de ’n t-saoghal gus an tig an deagh sgéula so mar fhacal misneachaidh, agus mar argumaid mhath gu bhi ’druideadh beul na muinntir sin a tha gu daonnan ag innseadh dhuinn gu ’m beil a’ Ghàidhlig a dol bàs. Tha sibhse a deanamh bhur cuid fein gu treibhdhireach, agus cha ’n fhaod e bhi nach dean bhur leughadairean an cuid-sa. Neach sam bith a tha ’cumail a mach gu ’m beil déigh aig air a Ghàidhlig a chumail suas is cinnteach nach diù leis a bhi air dheireadh ann o bhi ’pàigheadh airson a phaipeir, oir cha’n eil againn ach an aon. Agus tha dòigh eile anns am faod na h-uile cuideachadh leibh, ’se sin a bhi ’moladh a phaipeir do ’n càirdean, oir tha eagal orm gu ’m beil iomadh Gàidheal an Albainn agus ’nur dùthaich féin nach cuala riamh iomradh air MAC-TALLA. A guidhe gu ’n soirbhich leibh ni ’s mò agus ni ’s mò, Is mise bhur caraid dìleas, CABAR FEIDH. Lunnainn, 2, 7, ’98. LITIR O’N CHUAIRTEIR. FHIR-DEASACHAIDH:—Chaidh iomadh latha fuar us teth seachad bho’n sgriobh mi ugad roimhe. Bu leòr do’n Gheancach a ghuidhe do’n Spàinnteach na dh’ fhuiling mi le droch shide us droch ròidean—bancaichean sneachda St. Anns us lubaichean puill Framboise, agus ge b’e de ’n t-àite a dhi-chuimhnicheas mi cha dichuimhnich mi an dà àite ud. Bha aon rud a bha fortanach dhomh—bha mi am measg nan Gàidheil nach leig air cuairteir fhad ’s is urrainn dhaibh fuachd no acras. Tha deifir mor eadar da thaobh an eilein. Tha moran bheanntainnean, air an comhdachadh le coille throm, us moran ghleann le ’n aimhnichean air taobh an iar us tuath an eìlein; far an aontaich gach duine gur fior na a thuirt am bàrd Calum Gilios ’na òran taitneach a sgaoil gu farsuinn “Na Cnoic ’s na glinn bu bhoidhche leinn.” Cha’n eil taobh a deas an eilein—Siorramachd Richmond—cho briagha le a ghabhail bhar a chéile; ach tha na daoine a tha chòmhnuidh ann pailt cho gasda, anabarrrch còir. ’Se mo bheachd gu faod gach cuairtear a ràdh ann an cainnt a bhàird “Gur tearc ri fhaotainn feadh an t-saoghail daoine ’bheireadh bàrr orr’.” Bha mi a foighneachd gu dé dh’ fhàg an spruis cho pailt ’s a choille chruaidh cho gann. Bha iad ag innse dhomh gu’m bu réusan dha so gu’n do ruith teine air deich mile fichead dhe ’n t-siorrachd ud bho chionn da fhichead bliadhna ’sa h-ochd agus a chuid a dh’ fhàg e de ’n choille chruaidh gu ’n do leag “August Gale” ’73 e, agus an darna fàs a thàinig bu spruis air fad e. Rinn an teine us an stoirm so moran call. Ri linn an teine bha a choille faisg air na taighean us chaill iomadh duine bochd a bhothan còmhnuidh, us thachair a leithid ceudna an àm na stoirme ’nuair thainig call air feadhain bu chruaidhe leo na an taighean—chaill iad pàirt de luchd an gaoil. Anns an stoirm so mharbhadh màthair Aonghais I. Dhomhnullach an Sidni a bha ’na bhall de Phàrlamaid Nobha Scotia bho chionn bheagan bhliadhnaichean. Dh’ fhàg an teaghlach an tigh ’s chaidh iad do ’n t-sabhal airson a bhi tearuinte. Sheas an tigh ach thuit an sabhal agus mharbhadh am boirionnach, ach cha d’ thainig dad ris a phàisde a bha na h-uchd. Bha mi aig an spot so, agus chunnaic mi am fear a bha an uair sin ’na phàisde—tha e comhla ri athair air a bhaile aig Loch Lomond agus e ’na dhuine foghainteach, mu shia troighean us ceithir òirlich a dh’ àirde, agus garbh a reir sin. Tha e ann an dlùth chàirdeas do ghaisgeach ainmeil Loch Lomond. Mar is aithne dhnit tha àireamh mhor de Chomuinn Stuamachd anns an t-siorrachd so, gu h-àraidh ann an Fourche, Framboise, Loch Lomond, Grand River, agus Oban. Tha so cliùiteach do ’n òigridh agus bu chòir do ’m pàrantan ia do luchd-riaghlaidh pharaisdean am misneachadh. Ach mar is trice their iad so gu’m bheil iadsan ro shean air son a bhi na leithid so. Ach ’nan abradh tu gu’n robh iadsan ro shean airson maith a dheanamh agus air an aobhar sin nach robh reusan air iad a bhi fusreach an so ni b’ fhaide, dh’ fheumadh tu an dorus a bhi fosgailte agus do bhrògan umad gus a bhi toirt do chasan, air neo dh’ fhairicheadh tu gu’n robh tomhas beag de bhlàr Chùba agad. Tha e duilich le cuid a chreidsinn gu bheil an truaighe air an uisge bheatha. ’Se ’chleachd iad a bhi seinn ’san tìm a bh’ ann bho shean “Tha buaidh air at uisge bheatha,” agus tha sean-fhacal ag radh “An car a bhios ’san t-seana mhaide tha e duilich a thoirt as. Bha mi bho chionn ghoirid ann an eaglais Hogomah. Bha an t-urramach Alasdair Ross, ministeir a pharaisde, bho’n tigh, agus shearmonaich an t-Urr. Mr. Grannd ’na àite. Bha mi toilichte an seann Urramach còir a chluinntinn, is fhaicinn a cumail a choltais cho math. Bha Mr. Grannd ’na mhinisteir aca air Loch Ainslie mu thimchioll coig bliadhna fichead. ’S e mo bheachd gu’m b’ i so a cheud pharaisde dha a ghabhail, agus shearmonaich e gach sàbaid gus o chionn beagan bhliadhnaichean ’nuair a leig e dheth uallach paraisde agus cheannaich e tigh ann a Hogomah far am bheil e nis a gabhail còmhnuidh. ’S e ministeir ainneamh ’san là th’ ann an diugh a chriochnaicheas a sheirbheis ’san aon choimhthional gun atharrachadh. Leig muinntir Loch Ainslie fhaicinn am meas air an t-seann Urramach chòir agus air a bhan-chompanach le còta béin a thoirt dhàsan agua cleòca dh’ ise mar chuimhneachan air gach comunn gràdhach agus latha toilichte a chuir iad seachad còmhla aig an Loch fad nan còig bliadhna fichead. Chaidh hi bho chionn ghoirid troimh Bheinn nam Mucanach, ri ’n canar “Mount Young” an diugh, ach bho’n is Mucanach mi fhéin cha ghabh iad gu dona an seann ainm a ghabhail air an àite. Duine sam bith a tha airson a chuid a’s motha de Shiorrachd Inbhirnis fhaicinn dìreadh e gu mullach na beinne so, agus le fallas a ghruaidhe chi e sealladh. ’Nuair a bha mi ’dol troimh Ghleann nan Sgiathanach chuimhnich mi air òran a chaidh a dheanamh uair aig Loch Ainslie. Thainig Gall an rathad, agus mar is minic a thachair ’s mar tha tachairt gus an diugh ghabh dithis chaileag meas air an fhear so aig an aon àm, ’s mar a dh’ fhaodas tu a thuigsinn cha bhiodh so air uairean comhfhurtail aona chuid dhaibhsan no dhàsan, agus rinneadh òran dh’an treanaidh ’s b’e so ceathramh dheth:— An null Gleann nan Sgiathanach Bha sinne ’nar ruith as do dheigh, [TD 23] [Vol. 7. No. 3. p. 7] Thug sinn gaol ar cridhe dhut Seach firionnach eile fodh’n ghrein, Ghlachd e sinn ’nar cridhe A mhisneach ’thug thu dhuinn an de. Us mur a pos thu gin againn Gu ’n cuir sinn siorram as do dheigh. Cha bhiodh e gu maith dh’ am chluasan an còrr dhe ’n òran a thoirt dhuibh an dràsd. Ann an litir a sgriobh mi thugad roimhe so thachair dhomh bruidhinn air pailteas nam brògan biorach is gainnead na Gàilig aig nigheanan Bhosthn, ach bha beag an nasgaidh agam dhe. Cha robh tigh anns am faicinn bròg bhiorach nach fhaodainn sealltainn a mach airson nighean bhiorach gus ruith dh’ an teangaidh a thoirt dhomh airson mo litir ’sa MHAC-TALLA. Ann an ceann a deas Siorrachd Inbhirnis thachair te dhiubh orm a mhaoidh mo chluasan a tharruing ’nan deanainn a leithid a rithist. Bha i faicinn ceart gu leòir cuid de nigheanan Bhoston a bhi ann, ach tha mi deanamh dheth nach robh mo litir an diomhanas, oir an ath turus a chaidh mi an rathad dé a b’ ioghnadh leam ach a cheart té so a nochdadh á seòmar le deagh phaidhir mhogan mu casan, ’g gu dearbh bu bheag a bha orra de chumadh nam bròg a chunnaic mi oirre roimhe. Ar leam gu’n cuala mi meóirean a casan a faighneachd de na mogain gu de an dòigh air an tigeadh iad am fasan a rithist, is mar so fhreagair iad:— “Ma thig an tuthag a Lunnainn, ’S ma bheirear cum’ oirre an Chicago, ’S ma theid a malairt a New York Ri marsantan an aite so, An sin ’s buan mhaireannach a fasan mi ’S bidh mo lathaichean gun aireamh. An sin fhreagair an deichnear:— A mach na brogan biorach Is mallachd air an sronan— Cha ’n eil meur againn gun chroit oirre Is uinnean air gach ordaig— Ach air bonn comhartail a mhogan Ann an socair ni sinn comhnuidh. Beannachd leat. Is mi do charaid, an là ’chi ’s nach fhaic, AN CUAIRTEAR. Am Feillire. OGUST, 1898. 1 Di-luain An Liunasdal. 2 Di-mairt Blar Bhlenheim, 1704. 3 Di-ciaduin Crunadh Seumas III, 1460. 4 Dior-daoin (3) Ceud thurus Cholumbuis, 1492 5 Di-haoine Bas Roib Dhuinn, 1778 6 Di-satharna (5) Blar Ghruinneart, 1598. 7 DI-DONAICH 9mh Domhnaich na Trianaid 8 Di-luain Bas Dheorsa Channing, 1827 9 Di-mairt 10 Di-ciaduin 11 Dior-daoin Blar Dhailrigh, 1309. 12 Di-haoine Breth Deorsa IV, 1762. 13 Di-satharna Bacadh deise Ghaelich, 1746 14 DI-DONAICH 10mh Dòmhnaich na Trianaid 15 Di-luain Breth Bhoniparte, 1769. 16 Di-mairt Fad an latha, 13 u. 50 m. 17 Di-ciaduin 18 Dior-daoin Blar Phreston, 1649. 19 Di-haoine Bliadhna Thearlaich, 1745. 20 Di-satharna 21 DI-DONAICH 11mh Dònaich na Trianaid. 22 Di-luain Blar Dhunchaillinn, 1669. 23 Di-mairt Bas Uilleim Uallais, 1305. 24 Di-ciaduin Feill Bhartolomeis. 25 Dior-daoin Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-haoine Blar Chrecy, 1346. 27 Di-satharna 28 DI-DONAICH 12mh Dònaich na Trianaid 29 Di-luain Blar Loch Aillse, 1722. 30 Di-mairt Bas Chardinail Iorc, 1807. 31 Di-ciaduin Fad an latha, 13 u. 6 m. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Lan, L. 2, U. 0, M. 15 M. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 9, U. 1, M. 59 M. An Solus Ur, L. 17, U. 6, M. 20 M. A’ Cheud Cheathramh, L. 24, U. 4, M. 18 F. An Solus Lan, L. 31, U. 8, M. 37 M. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “'Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n tadhal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. [TD 24] [Vol. 7. No. 3. p. 8] Marbhrann a rinneadh do mhnaoi a dh’ éug air an Amhuinn Mheadhonaich, anns a bhliadhna 1894. Ged ’s iomadh latha bha thu cianail Ann am fasach tioram, fiadhaich, Dh’ eirich a nise do ghrian ort; Dh’ fhalbh gach pian is cradh uat. Nuair thainig am maor ’gad iarraidh Bha thu toileach a bhi triall leis, Thuirt thu, “Tha ’n obair criochnaicht’, ’S m’ fhiachan uile paighte.” ’S ann air Iosa bha do dhochas, ’Toirt neart anam agus treoir dhut; Thilg thu ’n sin an acair oir Air caraig bheo do shlainte. Cha b’ ann tre bhuaidh bha ort thaobh nadair, Ach trid an obair a rinn gras ort, ’Nuair fhuair thu aithn’ air fear do ghraidh Le daimh a cheangal phosaidh. Ged a fhuair e thu lan eucail, Air bheag maise ’s lan do chreuchdan, ’S ann a cheannaich e dha fein thu Airson ceilc phosda. Thug e dhiot an trusgan salach, Chuir e umad eideadh anairt, Eadhoin fireantachd an urrais, Obair ghreis le snathaid. Chuir e fainne air do mheoirean, Air do chasan chuir e brogan, ’Nuair shin e mach dhuit an t-shlat oir Tre ’n d’ fhuair thu coir air saorsa. ’Nuair chunnaic e thu air dhroch caramh, Gun aon neach a dheanadh sta dhuit, Thuirt e riut, “Mair beo gu brath, Is leor mo ghras ’s mo ghaol dhut. ’S i an fhuil a rinn do ghlanadh, ’N fhuil chaidh ghleidheadh anns an t-shoitheach, Chaidh a ghiulan leis an t-shagart ’Steach do ’n ionad naomha. ’Nuair chaidh gach ni a chur an ordugh, Chaidh cuid dhi air a’ chathair throcair, Dia a foillseachadh a ghloir, ’S ga ’n seoladh gu Fear-Saoiraidh. So an fhuil ’s am bheil an eifeachd; So an fhuil a rinn an reite, Anns an la an d’ thug i eibh An cluasaibh Dhe na trocair. Nuair choinnich firinn agus trocair, Rinn iad aonadh agus cordadh, Ceartas ’us siothchaint gu h-ordail Pogadh beul ri beul ann. Ach tha mise an so air m’ fhagail. Mar eun leis fein an iomall fasaich, Cuimhneachadh do chomunn graidh, Bha iomadh la dhomh feumail. Ach coinnichidh fathast na cairdean, ’S cha bhi dealachadh gu brath ann; Ann an comunn fear ar graidh, A chaoidh nach fag ’s nach treig sinn. Neartaich gras dhuinn ann ar n’ anam, Dean sinn treun gu cur nan cathan, ’N aghaidh saoghal diamhain, carach, ’S leomhan guineach, beuchdach. Biomaid gu tric air ar gluinibh, Gleac ri ar n-athair le durachd, Thig mi nise gu co-dhunadh Gu robh cliu do ’n trianaid. Rioghaich am bas air cloinn daoine, Ni e gach ceangal a sgaoileadh, Dealachadh mnathan ’us daoine, Ged ’s mor an gaol d’a ’cheile. Feudaidh mi innse ’s cha bhreug e, Fhuair mi faireachadh bha geur air, Thug e bhuam gun truas an te Bha dhomh na ceilc phosda. Oran do ’n Chomunn Ghaidhealach. LEIS A PHIOBAIRE MHOR, ANTIGONISH, 1872. Air fonn:—“Ho mo Mhairi laghach.” Toisichidh mi thall Air feadh nan gleann ’s nan craobh, Far an d’ fhas na suinn Nach d’ araich foill no gaoid; Leoghain anns na h-armaibh Ainmeil anns an raon, Gillean laidir, iriosail, Nach tilleadh maoir. LUINNEAG. ’S ann leam fhein a’s toil An comunn a tha grinn, Fir bho al no boinead, Co chromas an cinn, Bheir dhuinn lan na gloine Bho aghan a ghlinn, ’S gheibh sinn cal na Nollaig Bu toilichte leinn. Daoine choisneadh buaidh Air luchd na fuath gun taing, ’S minig a chuir an ruaig, Le roinnean cruaidh gun mheang; ’S tric a shabhail rioghachd, ’S a thug righ a fang, ’Sa chuireadh fo chis Gach fear bhi miomhail ann. Albainn, ged a dhealaich sinn, Ged tha thu thall! ’S iomad fear is bean againn ’Tha ort an geall. Cum rinn a charrannachd A dh’ fhas ’nad chliabh, Bho ’n ’s e is mil is baine dhut Gun cheannach riabh. Ged a thainig am A chaidh do chlann ma sgaoil, Lean gach fine fallain Ri fearann an gaoil; Chum iad suas na cleachdannan ’Bh’ aig Mac an Fhraoich; Dh’ fhag sid laidir, reachdail iad Far neart chlann-daoin. Chi mi anns a bhaile so dhiu An diugh Di-mairt, Fir cho cairdeil, carranta, ’Sa chros a sail; Baigheil, mar bha ’seanairean, Gun chron, gun ghiamh, Ged is laidir, fallain iad, Gur math an gniomh. Gniomh ’sa bheil an domal Sonas air a reir, ’S fialaidh sibh mar sporan ’S toilichte ma fheum; Diadhail anns gach coinneamh, ’S modhail do ’n chleir; Dh’ fhag siod cliu a leanas ruibh. Is beannachd Dhe. Ach ruigidh sinn am bruthach, Seinnidh sinn a phiob, Bi’dh sinn ann an uidheam Le roghainn gach ni; Gheibh sinn “Gille Calum,” Agus “Highland Fling,” Fileanta, gle ealamh, Bho anail gun chuing. Ladhar cha teid a phronnadh, Stob cha teid na barr, ’S gann a gheibh an talamh Beanailt dha le sail; Lubagan is caran, Baralach gu leoir, ’S cha bhi buile ’leanas. Mearachd air a cheol. Theid pairt a chuir na cloiche, Pairt a chaitheamh uird, Pairt a chuir am poca ’Stobadh gun da shuil; Pairt dhiu air a “ghalop,” ’Ruith ’sa gearradh leum, Mar bhiodh pairce ghearran Nan deannaibh gun srein. Thig gach fear air lom aca Le bonn an oir, Paighidh iad gu fonnmhor, Gun bhrunndail, gun phrois; Tairnnidh iad le carranachd, Mu ’n cuairt am bord. Far am boidheach caileagan, ’S bean is oigh. Bidh bonnaich mhor mar mhuigh aca, Na suidh’ air bord, Air an cur an uidheam Le roghainn gach seors’; Aran agus caise, Buntat’ agus im, ’S fliuchan do ’n stuth laidir ’N aite na ti. Olam air na gillean Sileadh bho ’n a ghleann, Eolas nach dean milleadh Air cinneadh no clann; Pog thoirt da cho milis, Ri mile na Fraing, Olaibh air ur cinneadh, ’S na siribh e gann Faic litir o “Charaid na Gàilig” air taobh eile. Bidh tuilleadh mu na duaisean a tha e tairgse anns an ath àireamh. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia agus 127 State St., Boston Mass. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $4.00 Sia miosan, 2.00 Tri miosan, 1.00 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. SANAS. Tha searbhanta mhath a dhith orm gun dail. Gheibh i deagh tharasdal. CAIPT. RUAIRIDH MACNEILL. Sidni, C. B., Ogust 11, 1898. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. C. H. HARRINGTON & CO. NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. [TD 25] [Vol. 7. No. 4. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 19, 1898. No. 4. LITIR A ALBA. Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a’ ghàraidh Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA,—Cha leig drip an t-saoghail mhosaich leam sgrìobhadh ugad cho tric ’s bu mhath leam. Ach chuir mi romham an diugh nach deanainn dàil na b’ fhaide. O nach ’eil naigheachd ùr agam innsidh mi seann naigheachd dhut, agus tha mi cinnteach gu ’n toir i gaire air fear no dhà dhe do luchd-leughaidh. Rinn mi fhein gaireachdaich gu leòr an uair a chuala mi i. Ged a tha iomadh bliadhna o’n a chuala mi i, cha do dhichuimhnich mi riamh i. So agad i, ma ta:— Bha duine gasda, gleusda, deadh-chainnteach ann aon uair, ris an canadh iad Iain Cuimeanach. Cha ’n ’eil fhios agam an robh e càirdeach do Dhomhull Cuimeanach do ’n d’ rinn Alastair taillear a’ bhriogais agus an cota sgiobalta nach ruigeadh ach na màsan. Coma co dhiubh. Bha Iain a’ fuireach aig aite ris an abair iad Loch an eich bhàin, mu leitheach rathaid eadar an Aghaidh Mhor agus Daoghal. Bhitheadh e air uairibh a’ reic deur dhe ’n deoch laidir; ach dh’ fheumadh e bhith air fhaiceal mu ’m faigheadh na gaigearan fios air an dol am mach a b’ aige. Bha Iain glé fhialaidh gu nàdarra, agus an uair a bhiodh deur beag air, bheireadh e làn na slige gu toileach do dh’ fhear sam bith dhe ’chàirdean. Air latha àraidh bha Fear Bhaile na Dalach air cheann na ’m Fensibles—luchd dìon na dùthchadh. Bha Iain am beachd gu ’m bu chòir dha bhith fialaidh ris a’ cheannard, agus thug e cuireadh dha gus a dhol a steach do ’n taigh a dh’ òl deur beag. “Cha teid mi steach idir; cha robh mi riamh ’na leithid a thaigh, agus cha teid mi ann a nis,” arsa Fear Bhaile na Dalach. “Nach teid?” ars’ Iain. “Cha teid,” ars’ am fear eile. “Mur teid, fanaidh tu ’muigh,” ars’ Iain, “agus cha ’n ’eil annad ach an cù, direach an cù. Cha ’n ’eil a dh’ eadar-dhealachadh eadar thu ’s an cù ach an t-earball; cha ’n ’eil ni ach an t-earball.” Bha dithis choimhearsnach oidhche ag òl ann an taigh Iain, agus bha teine mor giubhais aca air an urlar. Bha iad gu math blàth anns gach doigh. Bha ’n t-uisge beatha làidir, agus bha iad fhein cho caomh, ’s cho càirdeil, ’s cho mùirneach ri triuir a b urrainn a bhith. Dh’ òl iad air Iain, dh’ òl iad air a chéile, agus dh’ òl iad mu ’n cuairt a rithist gus an robh a h-uile fear dhiubh cho mor ’na bheachd fhein ri Tighearna Chluainidh, agus cho laidir ri fear Chill-Moluthaig. Mu dheireadh thall chaidh na seoid gu dubh, doirbh thar a chéile, agus am bad a cheile thug iad. Cha robh de dheoch làidir aig Iain na dheanadh réite, no na sgaradh iad o chéile. An uair a bha ’n aimhreit ’na h-àirde, rug fear dhiubh air cathair, agus bhrist e i ’na criomagan air ceann an fhir eile, agus fàgar e a’ call fala air an urlar. Chuir so stad air na buillean, oir is gann a bhios duine deònach an dara buille a thoirt seachad mur faigh e buille air ais. Ach cha do chuir e stad air a’ chànran, no air a mhi-rùn. Thugadh an duine bochd dhachaidh ’s e air a leith-mharbhadh. Agus, mar is minic a thachair, chaidh am beag sgeul thun a’ mhoir sgeil, agus chual’ an dùthaich mar a thachair. An uair a chual’ an luchd-lagha a bh’ ann am baile na siorrachd mar a thachair, ghrad thainig iad a cheasnachadh mu ’n chùis, agus chaidh am fear a rinn an cron a shumanadh gu cùirt. Dh’ fheumadh Iain a dhol gu ruige Eilginn a thoirt fianuis mu ’n chùis air beulaobh an t-siorraim. Mu ’n d’ thàinig nithean gus a so, dh’ fhuaraich an fhuil aig na daoine, agus b’ fhearr leotha na rud sam bith nach deachaidh smid a ràdh mu ’n ghnothach riamh. Coma co dhiubh, cha b’ urrainn daibh stad a chur air obair an luchd-lagha. Dh’ fheumadh iad a dhol thun na cùirte, agus cha robh aca ach feuchainn ris an dreach a b’ fhearr a b’ urrainn daibh a chur air cùisean an uair a ruigeadh iad beulaobh an t-siorraim. O nach robh duine ann a thogadh fianuis ach Iain, is e bh’ ann gu ’n d’ rinn iad suas eatorra fhein gu ’n leigeadh Iain air nach robh e glic. An uair a thainig latha na cùirte dh’ uidheamaich Iain e fhein gu math ’s gu ro mhath. Chuir e uime ball aodaich dhe gach seòrsa, agus bha ’n darra ball a’ fanaid air a’ bhall eile. Cha d’ thug e ribe dhe ’n fheusaig dheth fad choig latha deug roimhe sid. Bha boinneid mhor, leathainn, ghorm air, agus bidean mor, dearg ’na mullach. Agus bha cuaille mor bata aige a chuireadh eagal air dearg mheirleach. An uair a thainig an t-àm gus Iain a cheasnachadh, chaidh maor am mach g’a iarraidh. Cho luath ’s a chaidh e steach air dorus seomar na cùirte thug e dheth a’ bhoinneid agus rinn e beic; agus ceum air cheum mar a bha e ’dol air aghart dheanadh e beic gus mu dheireadh an robh e aig bocsa nam fianuisean. “Take the oath, sir,” ars’ an siorram. “A’ Ghailig, a’ Ghailig,” ars’ Iain, “’s i ’Ghailig a’s docha leam.” Chuireadh Iain air a mhionnan anns a’ Ghailig. “C’ ainm a th’ ort?” ars’ am fear-lagha. “Tha Iain Cuimeanach. U, tha, cha d’ àicheidh mise m’ ainm riamh.” “Tha thu ’fuireach air an rathad eadar Daoghal agus an Aghaidh Mhor, nach ’eil?” “U, cha ’n ’eil, le ’r cead, cha ’n ’eil mi air druim dìreach an rathaid idir; cha leigeadh iad dhomh a bhith an sin, fhaic sibh. U, cha leigeadh, cha leigeadh. Agus bhithinn fo chasan dhaoine is bheathaichean air an rathad mhor.” Bha ’n siorram ag amharc air Iain ’s air a’ bhoinneid leis a h-uile suil a bha ’na cheann, agus bha Iain a’ sior chur mu ’n cuairt na boinneide moire. “Tha thu ’fantail, ma ta, ann an Loch an eich bhàin?” “Ma ta, le ’r cead, cha ’n ’eil. U, cha ’n ’eil mi ’fantail ’san Loch. Nam bithinn a’ fantail ’san Loch bhithinn fliuch, agus cha fhreagradh sin air seann duine mar a tha mise. U, cha ’n ’eil mi ’fantail ’san Loch idir.” Aig a’ cheart àm bha Iain a’ sìor chur ma ’n cuairt na boinneid agus a’ cromadh a chinn mar urram do ’n t-siorram. “C’ ainm a th’ air an taigh agad, ma ta?” “Bhuill, le ’r cead, tha mise fuireach ann o chionn uine fhada, agus cha chuala mi ainm riamh air ach ‘an taigh.’ Direach ‘an taigh,’ agus ma dh’ fhalbhas sibhse comhladh rium chi sibh e. U, direach an taigh.” “Take him away,” ars’ an siorram, “he is a fool; we can make nothing of him.” Leigeadh Iain air falbh; ach bha amhrus aig an t-siorram gu ’m faodadh gu ’n robh Iain na bu ghlice na bha e ’leigeil air; agus chuireadh maor am mach a dh’ iarraidh air tighinn a steach a rithist. Thainig Iain a steach a rithist ’s e ’cromadh a chinn ’s a’ cur mu ’n cuairt na boinneid mar a bha e roimhe. “Am bheil thu pòsda?” ars’ an siorram. “Tha, le ’r cead. U, tha mi pòsda, tha, tha; ach cha ’n ’eil mi ’cur mir de ’choire sin oirbhse. U, ’s mi nach ’eil.” “Out with him,” ars’ an siorram, “we can make nothing of such a fool as that.” Agus o nach robh fianuis eile ann air an t-sabaid, cha robh ach leigeil leis na seòid a dhol dhachaidh. Thug iad am mile beannachd air Iain air son cho gleusda ’s a rinn e ’ghnothach. Ghabh iad dìreach do ’n taigh aige, agus gun dàil thugadh lamh air a’ bhotul, agus mu ’n do thràigh iad e rinn iad iomadh gaire mor, cridheil. Ach thug iad an aire mhath ’na dheigh sid nach leigeadh iad leis an stuth laidir a bh’ aig Iain an cur anns an ath chrois. Sin agad mar a chuala mise an naigheachd, agus ma ’s breug uam i is breug ugam i. An uair a gheibh mi beagan as mo dhrip cluinnidh tu rithist uam Is mi do charaid an latha chi ’s nach fhaic, BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, Latha Liunasdail, 1898. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH. Braidalbainn. Thainig SIR DONNACHADH a stigh an àit’ athar. ’S e Donnachadh Dubh a Churraichd a theirte ris. Fhuair e o’n righ, anns a bhliadhna 1625, a bhi na Bharan. Fhuair e mar an ceudna, stiall mhor fhearainn, coig mile deug acair, ge b’e de rinn e dheth, ann an Nuadh Albainn. Cha ’n eil fios againn c’ aite an robh an oighreachd so aig a Chaimbeulach so an Nobha Scotia. Ma tha fios aig aon de d’ luchd-leughaidh, bu mhath leinn iad a thoirt iomradh dhuinn air anns a MHAC-TALLA. Bha Cloinn Ghriogair air a laimhseachadh gu h-olc aig an àm so. Bha iad féin us Colquhoun Luis gu h-olc a mach air a chéile. Bha na Griogaraich ’nan creachadairean nimheil. Bha iad nan sàrachadh nach bu bheag do na coimhearsnaich mu ’n cuairt orra, ’s bha gearain an deigh gearain a dol a dh’ ionnsaidh an righ ’nan aghaidh. Mu dheireadh thall, thainig achd a mach gu ’m feumadh gach mac màthar de Chloinn Ghriogair ainm a mhùthadh air neo gu ’m biodh e air a ghrad sgrios. Bha gràin a chridhe aig Donnachadh Dubh air Cloinn Ghriogair, ’s bha sin aig an athair o’n d’ thainig e; cha robh a bheatha sàbhailt do Ghriogarach air bith a thuiteadh an làmhan Dhonnachaidh Dhuibh. Dh’ ith iad tuille ’s a chòir de ’chuid cruidh us caorach air son moran meas a bhi aig’ orra. ’S ann mu ’n àm so a rinneadh Cumha Ghriogair Mhic Griogair le a mhnaoi. Bha Donnachadh Caimbeul, Fear Ghlinnlion, (Glenlyon) air son gu ’m pòsadh a nighean Baron na Dalach, air taobh deas Loch Tatha; ach bha gaol aice air Griogar agus theich i leis. Ghabh a càirdean ’na shiubhal e. Bha ’n ruaig air a chàraid òig bho latha gu latha cho dian ’s gu ’m b’ fheudar dhaibh am monadh a thoirt orra, agus a bhi beò mar a b’ fhearr a dh’ fheudadh iad ann an còsaibh nan creag. Ri ùine, rugadh leanabh gille dhaibh. Aon latha ’s Griogar a cluich ris an leanabh, thainig na naimhdean orra. Chaidh an Griogarach a ghlacadh ’s a thoirt gu Bealach, agus an ceann a sgathadh dheth le tuaidh. Rinn a bhean bhochd an cumha ud a tha tòiseachadh mar a leanas:— “Moch maduinn air la Liùnasd Bha mi sùgradh mar ri m’ ghràdh, Ach mu ’n d’ thàinig meadhon latha Bha mo chridhe air a chradh. [TD 26] [Vol. 7. No. 4. p. 2] Obhan, obhan, obhan, uiridh, ’S goirt mo chridhe ’laoigh; Obhan, obhan, obhan, uiridh, Cha chluinn d’ athair ar caoidh.” Tha cuimhne mhath agam air fior sheana-bhean a mhuinntir an Eilein Sgiathanaich a chluinntinn, faisg air leth-cheud bliadhna air ais, a gabhail a chumha so mar a chual’ i e na h-òige ann an tir a dùthchais. Cha mhor nach robh e aice facal air an fhacal mar a tha e againn an clò anns “Na Baird Ghaidhealach,” leis an Urr. Mac-na-Ceardadh. Tha eachdraidh a toirt iomradh air Griogar Mac Griogair, Ghlinnstre, a bha air a chur gu bàs anns a bhliadhna 1570. Cha ’n eil e mi-choltach nach ann dhàsan a rinneadh an cumha. Bha Donnachadh Dubh air fear de na Barain a bha aig crùnadh ban-righ Anna, bean righ Seumas VI, anns a bhliadhna 1590. Fhuair e bho righ Tearlach I, a bhi na shiorram air siorrachd Pheirt. Bha e pòsda da uair: an toiseach ri Sine Stiubhart, nighean le Iarla Athol. Bha mic agus nigheanan aige uaipe. Phòs e a ris Ealasaid, nighean an Triath Sinclair. Bha mac agus nighean aige bho ’n dara bean. Dh’ eug Donnachadh Dubh a Churraichd anns a bhliadhna 1631. Thainig SIR CAILEAN, a mhac bu shine a dh’ ionnsuidh na h-oighreachd. Bha e pòsda ri Juliana Chaimbeul, nighean do Uisdean, Tighearna Loudon. Chaochail e, gun shliochd fhàgail ’na dheigh, anns a bhliadhna 1640. Cha robh e ach naodh bliadhna na uachdaran air Braidalbainn. Thainig a bhràthair SIR RAIBEART, dara mac Dhonnachaidh Dhuibh, a stigh ’na àite. Phòs e Iseabal, nighean do Shir Lachlainn Mac-an-Tòisich, ach chaochail i gun sliochd. Bha Sir Raibeart pòsda ris ri nighean Choinnich Mhic Coinnich, an Cinn-tàile, priomh-athair Iarla Shiport. Bha teaghlach mhac agus nighean aige: Iain, Cailean, Uilleam, Alasdair agus Donnachadh, na gillean; na h-igheanan: Mairearad, a bha pòsd’ aig Iain Camshron, Lochiall, (b’ ise bu mhàthair do Shir Eobhann Camshron, Lochiall, a bha ainmeil na latha agus na linn); Màiri, Sine, Iseabal, Juliana agus triuir eile. Bha iad uile pòsda, ’s bha teaghlach aig gach aon diu. Thainig SIR IAIN, am mac bu shine, thun na h-oighreachd an àit’ athar. Bha e pòsda da uair: an toiseach ri Màiri Ghraham, nighean Uilleam, Iarla Mhonteath. Dh’ fhàg i mac agus nighean aige. Phòs e ris Cairstiona, nighean Sir Iain Muschet, á Ceann-na-Creige, am Monteath. Bha teaghlach nighean aige uaithse. Thainig a mhac, IAIN, ris an cainte Iain Glas, thun na h-oighreachd an deigh bàs athar. Bheir sinn iomradh air Iain Glas anns an ath àireamh. Bha aimsirean tuairgneach an Alba ri linn-san, agus bha esan a measg an dream aig an robh lamh anns an obair. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Na Tri Ubhlan. CAIB. VII. An uair a thug a’ chuideachd gu leir an aire do’n dealachadh mhor a bha eadar Bedredin agus am fear crotach, thoisich iad ri briudhinn ’s ri monabhar ’nam measg fhein. Mu dheireadh thuirt na mnathan uaisle, “Feumaidh sinn bean na bainnse a phosadh ris an duine uasal og, eireachdail so, agus cha’n ann ris an duine dhuaichnidh, chrotach a chuir an righ air leith dhi.” Cha do stad iad aig a’ so, ach thoisich iad ri caineadh an righ, a chionn gu’n d’ ordaich e gu’m biodh am boirionnach cho briagha ’s a bh’ anns an rioghachd air a posadh ris an aon fhear cho granda ’s a bh’ innte gu leir. Thoisich iad mar an ceudna ri magadh air fear na bainnse ’s ri ’ruith sios air chor ’s gu’n d’ thug iad uaithe a mhisneach buileach glan. Mu dheireadh chaidh a’ chuideachd gu leir gu leithid de bhruidhinn ’s gu’m b’ eiginn do ’n luchd-ciuil sgur de chluich. Thoisich an luchd-ciuil a rithisd ri cluich, agus thainig na mnathan a bha ’cur ’nan trusgan air bean na bainnse far an robh i. Bha e mar chleachdadh anns an am trusgan ur a chur air bean na bainnse seachd uairean, agus a toirt an lathair fir na bainnse a h-uile uair a chuirteadh trusgan ur uimpe a chum umhlachd a thoirt dha. Ach a h-uile uair a chuirteadh trusgan ur uimpe a chum umhlachd a thoirt do’n fhear chrotach, is ann a bha i ’gabhail seachad air gun uiread is suil a thoirt an taobh a bha e, agus a’ dol far an robh Bedredin ’na shuidhe. A h uile uair a thigeadh bean na bainnse far an robh Bedredin agus an trusgan ur uimpe, bha e ’toirt lan a dhuirn dhe’n or do na mnathan-coimhideach a bha ’frithealadh dhi. Bha e ’toirt an oir do’n luchd-ciuil ’s do na dannsairean mar an ceudna. Bu spors a bhith ’g am faicinn a’ putadh a cheile feuch co ’gheibheadh greim air an or a bha e ’tilgeadh uca. Bha iad gle thaingeil dha, agus bha iad a’ leigeadh ris dha gur e ’gheibheadh bean na bainnse, agus nach b’ e am fear crotach. Bha na mnathan mar an ceudna ag radh ri bean na bainnse gur ann mar so a bha chuis gus a bhith; agus o nach robh meas sam bith aca air an fhear chrotach is ann a bha iad a’ deanamh culaidh-mhagaidh dheth cho math ’s a b’ urrainn daibh. Bha ’mhagaireachd a bha iad a’ deanamh air a’ toirt toil-inntinn mhor do na h-uile a bha lathair. Bha grain an uilc aig an fhear chrotach air Bedredin, agus sheall e gu gruamach air agus thuirt e ris, “Co ris a tha thusa feitheamh an so? C’ar son nach d’fhalbh thu mar a rinn cach? Bi falbh gu h-ealamh!” O nach robh leithsgeul aig Bedredin, gu fuireach na b’fhaide, dh’fhalbh e ’s gun fhios aige ciod a dheanadh e ris fhein. An uair a bha e ’dol am mach air an dorus, thachair am fathach agus a’ bhean-shithe ris, agus chuir iad stad air. “C’aite am bheil thu ’dol,” ars’ a’ bhean-shithe; “cha’n ’eil am fear crotach anns an talla idir. Chaidh e ’mach air cheann gnothaich. Faodaidh tusa tilleadh agus, a dhol do’n t-seomar anns am bheil bean na bainnse. Cho luath ’s a dh’ fhagar ’n ar onar anns an t-seomar sibh, innis dhi gur tu fhein fear na bainnse, agus nach robh an righ ach air son spors a dheanamh air an fhear chrotach; agus gus a thoileachadh gu’n d’ thugadh fa near biadh math a dheasachadh dha anns an stabull. ’Na dheigh sin cum comhradh taitneach rithe cho math ’s a theid agad air; oir, o’n a tha thu ’na d’ dhuine cho maiseach, cha bhi e duilich dhut a thoirt oirre aontachadh gu ’n gabh i thu. Aig a’ cheart am bheir sinne an aire mhath nach till am fear crotach tuilleadh a chur dragh’ oirbh. Na cumadh ni sam bith thu gun an oidhche chur seachad maille ri bean na bainnse, oir is e do bhean fhein a th’ ann; cha’n ’eil cuid no gnothach aige-san rithe.” Am feadh ’s a bha ’bhean-shithe a’ toirt misnich do Bhedredin, agus ag innseadh dha mar bu choir dha dheanamh, chaidh am fear crotach am mach as an talla mar a thubhairt i; oir chaidh am fathach ann an riochd cait a steach do’n talla far an robh e, agus e ’miamhlaich gu h eagalach. Bhuail esan a dha bhois r’a cheile gus eagal a chur air a’ chat; ach an aite teicheadh is ann a sheas an cat air a chasan deiridh m’ a choinneamh, agus a dha shuil mar gu’m biodh da mheall teine. Bha e ’sior mhiamhlaich agus a’ sior fhas mor gus mu dheireadh an robh e cheart cho mor ri each. Chuir an sealladh so eagal mor air an fhear chrotach, agus ged a bha toil aige glaodh a dheanamh feuch an tigeadh cuideachadh g’ a ionnsuidh chaill e a luths cho mor leis an eagal ’s nach b’ urrainn e aon fhacal a radh. Gus an tuilleadh eagail a chur air, ghrad chuir am fathach fhein ann an riochd tairbh mhoir, agus thuirt e ris, ‘Thusa, a dhearg shlaoightire chrotaich.’ An uair a chuala am fear crotach na briathran so, thilg e e-fhein air an urlar, agus, le iochdar a thrusgain, dh’ fhalaich e ’aghaidh a chum nach fhaiceadh e am beathach eagalach a bha m’ a choinneamh. “A righ nan tarbh,” ars’ esan “ciod e an gnothach a th’agad riumsa.” “Is an-aoibhinn dut,” ars am fathach, “am bheil de dhancahd agad na dh’fheuchas ri mo bhean-sa ’phosadh?” “Mo thighearna,” ars am fear crotach, “tha mi guidhe ort mathanas a thoirt dhomh; oir ma rinn mi cionta, is ann gun fhios dhomh. Cha robh fhios agamsa gu’n robh a’ bhean uasal so a’ cumail leannanachd riutsa. Bheir mi m’ fhacal dhut gu’n dean mi ni sam bith a dh’ aithneas tu dhomh.” “Air mi’ fhacal, ma theid thu ’mach a so,” ars’ am fathach, “no ma their thu aon fhacal gus an eirich a’ ghrian am maireach, gu’m brist mi do cheann ’na bhloighean. Ach leigidh mi leat falbh a so. Grad bhi falbh, agus thoir an aire nach seall thu ’n a d’ dheigh; ach ma thilleas tu cha bhi an tuilleadh saoghail agad.” An uair a labhair am fathach na briathran so, chuir e e-fhein ann an cruth duine, agus rug e air chasan air an fhear chrotach, agus thug e ’mach as an taigh e. Chuir e ris a’ bhalla e, agus a cheann fodha ’sa chasan os a chionn. Thuirt e ris, “Ma ghluaiseas tu as a sin gus an eirich a ghrian am maireach, beiridh mi air dha chois ort, agus sgailcidh mi do cheann ris a’ bhalla.” Rinn Bedredin gach ni mar a dh’ aithn am fathach agus a’ bhean-shithe dha. Chaidh e do’n t-seomar-chadail agus o nach robh bean na bainnse roimhe anns an t-seomar, shuidh e gus an tigeadh i, agus bha e ’dol fo smaointean cia mar a rachadh gach cuis leis. An ceann uine thainig bean na bainnse. Thainig seana bhean leatha thun an doruis, agus an uair a dh’fhosgail i andorus ’s a chaidh bean na bainnse a steach, ghuidh i oidhche mhath dhaibh, ach cha do sheall i steach co a bh’ anns an t-seomar idir, ach ghlas i an dorus agus dh’fhalbh i. Ghabh bean na bainnse ioghnadh mor an uair a dh’eirich Bedredin a chur failte oirre. “Ciod is ciall dha so, a charaid,” ars’ ise. Ciod e chuir an so thu mu’n am so dh’ oichche?” Feumaidh gur tu companach an fhir ris am bheil mi posda.” “Cha mi,” arsa Bedredin. “Cha ’n ’eil buintealas sam bith agam ris, agus cha mo a tha eolas agam air a leithid de chreutair granda, crotach.” “Am bheil fhios agad gu’m bheil thu ’labhairt gle thaireil mu’n fhear a phos mise?” arsa bean na bainnse. “Cha do phos thu idir e,” ars’ esan; “Na bi ’smaointean air a leithid sin na’s fhaide. Leig dhomhsa innseadh dhut gu’m bheil thu air do mhealladh ’na d’ bharail; oir cha bhiodh e coltach gu’m biodh boirionnach briagha mar a tha thusa air a posadh ris an duine a’s grainde dhe’n chinne-daon gu leir. Is mise, a bhain-tighearna, an duine a tha cho fortanach ’s gu’n d’ fhuair mi greim ort. Air son spors dha fhein, bha’n righ a’ cur an ire dha d’ athair gur e am fear crotach a bha thu ’dol a phosadh, ach is mise a roghnaich e air do shon. Dh’fhaodadh tu ’thoirt fa near mar a bha na mnathan uaisle an luchd-ciuil na dannsairean, na maighdeanan posaidh, agus searbhantan an teaghlaich gu leir a’ deanamh spors dhe’n chuis. Chuir sinn am fear crotach do’n stabull, far am bheil e an drasta ag itheadh an deagh bhidh a dheasaicheadh dha; agus faodaidh tu bhith cinnteach nach fhaic thu sealladh dheth gu brath tuilleadh.” Ged a bha ’cridhe gu bristeadh le bron an uair a chaidh i steach do’n t- [TD 27] [Vol. 7. No. 4. p. 3] seomar ’s i ’n duil gur e am fear crotach a bha roimpe, dh’fhas i anabarrach toilichte an uair a chuala i na briathran so; agus leis cho aoidheil ’s cho tlachdmhor ’s a bha i ’g amharc, ghabh Bedredin gaol mor oirre. “Cha robh duil sam bith agam,” ars’ ise, “gu’n tionndadh cuisean am mach cho taitneach so; oir bha mi ’gam dheanamh fhein cinnteach nach biodh latha no oidhche sona agam ri mo bheo. Ach tha mi gle fhortanach gu’n d’ fhuair mi fear a tha airidh air meas is urram is gradh ’fhaotainn uam.” An uair a labhair i na briathran so chuir i dhith a h-aodach, agus chaidh i laidhe. Bha aoibhneas mor air Bedredin air son gu’n d’ fhuair e bean a bha cho maiseach, cho tlachdmhor, agus cho urramach ’s a bh’ anns an Eiphit gu leir, agus gun dail sam bith chaidh e laidhe mar an ceudna. Chuir e a chuid aodaich air cathair, comhladh ris a’ phoca anns an robh an t-or a thug an t-Iudhach dha. Ach a dh’ aindeoin na thug e seachad dhe’n or an uair a bha ’bhanais a’ dol air aghart, bha’m poca cho lan ’s a bha e riamh. Chuir e dheth an cionadhar (turban) a bha ’m a cheann, agus chuir e uime currachd oidhche, agus chaidh e laidhe ’na leinidh agus ’na dhrathais; oir b’ e so cleachdadh na duthchadh. Beagan mu’n do shoilleirich an latha, an uair a bha Bedredin agus a bhean gu trom ’na cadal, choinnich am fathach agus a’ bhean-shithe ri ’cheile, agus thuirt am fathach rithe, gu’n robh lan am aca crioch a chur air an obair a ghabh iad os laimh, agus a chaidh leotha cho math. “Cha ’n fhada gus am bi an latha ann,” ars am fathach, “agus feumaidh sinn crioch a chur air ar n-obair mu’n d’ thig an latha. Bheir thusa air falbh fear na bainnse gus a dhusgadh, agus fagaidh tu an aiteiginn fad as e.” Ri leantuinn. ALASDAIR SELKIRK. Anns a’ bhliadhna 1708 chaidh Caiptein Rogers le dà luing chogaidh do’n chuan mu dheas, air tòir nan soithichean Spàindeach. Thaghail e aig an eilean Juan Fernandes, air còrsa America mu dheas, far an d’ fhuair e duine air ’eideachadh an craicinn ghabhar, a chaidh fhàgail ceithir bliadhna roimhe sin le ceannard luinge air an robh e, agus iad air cur a mach air a chéile. Bhuineadh e do shiorramachd Fiofa, ann an Albuinn. Chunnaic e iomad long a’ dol seachad fhad ’s a bha e air an eilean, ach cha d’thàinig dlùth do thir ach dithis a bhuineadh do na Spàindich. Thàinig cuid do na seòladairean cho dlùth dha ’s gu’n do loisg iad urchair air ach theich e ’stigh do ’n choille ’s chaidh e as orra. Na ’m bu Fhrangaich a bhiodh annta bheireadh e suas e féin doibh, ach b’ fhearr leis am bàs fhaotainn air an eilein, na tuiteam an làmhan nan Spàindeach. ’Nuair a chaidh Selkirk a chuir air tir, fhuair e leis aodach, gunna, tuadh, sgian, Bìobull agus leabhraichean eile. Thog e da bhothan, aon air son cadail, agus aon air son deasachadh lòin. Thubh e iad leis an fheur fhada dh’ fhàs air an eilein, agus chomhdaich e’n taobh a stigh dhiubh le craicinn nan gabhar a bha e marbhadh fhad ’s a sheas luaidh a’s fùdar dha. ’Nuair a theirig am fùdar air, rinn e teine le da bhioran a shuathadh gu teann r’a chéile, air dòigh nan Innseanach. Chum e cunntas air coig ceud gabhar a mharbh e, agus ghlac e uiread eile a leig e as an déigh an cluasan a chomharachadh. Ghlacadh e mu dheireadh na gabhair le luathas ruith. Chuir Caiptein Rogers cuid de na daoine bu luaithe bha aige le cù, an déigh gabhar, ach dh’fhàg Selkirk na daoine ’s an cù; ghlac e ’ghabhar, agus thill e leatha air a ghuaillibh d’an ionnsuidh. Chaidh a bheatha aon uair ’an cunnart ann an ruaig do’n t-seòrsa so; ghlac e a’ ghabhar air beul craige àird, agus ann an spàirn thuit iad ’nan dithis thairis, agus luidh e ceithir uaire fichead gun chomas éiridh. Bha e air a shàruchadh an toiseach le cait agus radain a fhuair air tìr o na luingis a bha taghall air son uisge; ach dh’fhàs na cait mu dheireadh cho càlda ’s gu’m fanadh iad timchioll air ’nan ceudan, agus ann an ùine ghoirid cha tigeadh radan g’a chòir. Bha an léine mu dheireadh air a dhruim ’nuair a chaidh ’fhaotainn le Caiptein Rogers, agus le dìth cleachdaidh, chaill e cainnt cho mhòr agus gu’m bu ghann a thuigeadh iad e. B’ann o eachdraidh an duine so a thogadh an sgeulachd bhòidheach “Robinson Crusoe,” a bha cha taitneach dhuinn uile ann an làithibh na h-òige. DAN. Mar gu’n rachadh a dheanamh le Selkirk ’nuair bha e ’na aonaran air eilean Juan Fernandes:— Tha mi ’m righ aìr na chì mi mu’n cuairt, Cha’n ’eil aon ann ’chur suarach mo reachd; Fad na tìre gu criochaibh a’ chuain, Tha gach eun agus fia’bhea’ch fo’m smachd. O aonarachd! cà bheil gach buaidh, Chaidh a luaidh ort co tric ann an dàn? B’ fhearr gaoir-chatha gach latha bhi ’m chluais, Na bhi ’m rìgh an àit oillteil mar thà. Tha mi far nach faigh duine am chòir, Am ònar thig crìoch air mo réis, Cha chluinn mi aon fhocal no cainnt, Thig clisg orm le fuaim mo ghuth féin. Tha gach beathach tha ’siubhal an raoin, ’Gam fhaicinn gun ioghnadh gun sgàth; Tha iad sin cho neo-chleachda ri daoin’ Tha oillt orm am faicinn cho càld’. Comh-chomunn a’s cairdeas a’s gaol, Chaidh a bhuileach’ air daoinibh o’n àird, Na’m biodh agamsa sgiathan an eòin, ’S mi mhealadh a rìs sibh gun dàil. An sin gheibhinn fois agus sìth, Ann an soisgeul na fìrinn, o m’ bhron, Dh’fhaodainn foghlum o ghliocas na h-aois, ’S a bhi aobhach an cuideachd na h-òig’. An soisgeul! an t-ionmhas thar luach, Tha ri fhaotainn am focal an àigh; Tha e prìseil thar airgiod a’s òr, No aon ni air thalamh a tà. Ach cha chualas clag-eaglaise riamh, Ann an so, feadh nan liath-chreag ’s nan gleann, Cha do fhreagair fuaim thiamhaidh a bhròin, A’s Sàbaid cha’n aithnichear annt’. A ghaothan a dh’fhuadaich mi sìos, Do’n dìthreabh tha aonarach, fàs, Cuiribh sgeul orm bheir aoibhneas do ’m chrìdh’, Mu thir do nach tìll mi gu bràth. ’Bheil mo chàirdean a dh’fhàg mi am dhéigh ’Cur guidhe no smuain air mo thoir? O inn’s gu bheil càraid a làir! Ged nach fhaic mise càraid ri m’ bheò. Tha inntinn an duine ni’s luaith’ A’ gluasad na aon ni a th’ ann; An coimeas, cha siubhail a’ ghaoth ’S caol shaighdean an t-soluis ach mall. Nuair thig dùthaich mo shìnnsear am beachd, ’S ann a shaoileas mi ’thiota bhi thall; Ach tha cuimhne gu luath ’tighinn a steach, A’s tréigidh gach dòchas a mheall. Ach tha’n eunlaith a’ falbh thun an nid, ’S gach fia’-bhea’ch do chòsaibh an t-sléibh; Tha àm fois againn eadhon an so, ’S theid mise do’m bhothan leam fhéin. Tha tròcair r’a fhaotainn ’s gach àit— A’s tròcair, nach àgh’or an smaoin! A léighseas gach trioblaid a’s bròn. Tha ’n tòir air clanna nan daoin’. AN DIUC ’S AM BALACH. Aimsir roimhe so, cheannaich an duine ainmeil sin, Diùc Buccleugh, mart o neach àraidh a bha còmhnuidh fagusg do Dhalkeith; agus dh’fhàg e òrdugh a cuir ’g a ionnsuidh air a mhaduinn a b’ fhaisge. A réir cordadh, chaidh a mhart a chuir dhachaidh; agus air do’n Diùc a bhi gabhail sraid, chunnaic e balachan beag ag oidhirpeachadh mar a b’fhèarr a dh’ fheudadh e a’ mart iomain gus an ionad an robh i ri dol. Cha d’ aithnich am balachan an Diùc; agus air an aobhar sin (air dha bhi ’ga shàrachadh), ghlaodh e, “Thig an so, a dhuine agus cuidich leam!” Air do’n Diùc a mhearachd a thuigsinn, chuìr e roimhe beagan fala-dha a bhi aige. Air an aobhar sin, ghabh e air nach do thuig e ciod a bha e ag ràdh. Ghabh an Diùc air aghaidh gu h-aitheasach; ach bha’m balachan a’ sìor ghlaodhaich, “Thig a nall, a dhuine, agus cuidich leam; agus cho cìnnteach ri nì air bith, bheir mi dhuit darna leth na gheibh mi.” Thug na briathran so, ma dheireadh, buaidh air an Diùc, agus gun tuille dàlach, ghabh e beallach do’n mhart. “Agus a nis,” ars’ an Diùc, mar bha iad a gabhail air an aghairt, “cia meud a tha fiutha agad ri fhaotainn airson do shaoithreach?” “Mata, cha’n ’eil fhios agam,” deir am balachan; “ach tha mi cìnnteach gu leòir gu’m faigh mi ni-eigin, oir tha na daoine caoimheil ris gach duine.” Bha iad a nis tarruing dlù do’n chaisteal; ghabh an Diùc air falbh gu grad, agus chaidh e steach air rathad eadar-dhealaichte. Ghairm e seirbhiseach d’ a ionnsuidh, agus a’ cur bonn òir ’na làimh, thuirt e ris, “Thoir sin do’n bhalachan a thàinig leis a’ mhart.” Phill an Diùc air ais gu grad air an rathad air an d’ thàinig e, agus ann an ùine ghèarr choinich e am balachan. “Cia meud a fhuair thu?” ars’ an Diùc. “Sgillinn Shasunnach,” ars’ am balachan, “a fhuair mi; agus nach ’eil thu saoilsin gu’n d’ fhuair mi gu leòir?” “Cha’n ’eil mi,” ars’ an Diùc, Feumadh gu bheil mearachd ’s a ’chuis; ach o’n tha mise eòlach air an Diùc, ma philleas tu air t’-ais, tha mi saoilsin gu’m faigh mi barrachd us sin dhuit.” Dh’ aontaich am balachan. Phill iad air an ais. Chrath an Diùc an clag, agus dh’ orduich e a sheirbhisich air fad teachd ’na làithir. “Nis,” ars’ an Diùc ris a’ bhalachan, “comharraich a mach dhomhsa an t-aon a thug dhuit an sgillean Shasunnach.” “So am fear,” ars’ esan, ’s e comharachadh ris a’ bhuitilear. Dh’aidich am buitilear a chionta. Thuit e air a ghluinean, agus thug e oidhirp air a leith-sgeul féin a ghabhail; ach chuir an Diùc casg air. Dh’orduich e dha gu feargach am bonn òir a thoirt do’n bhalachan, agus a sheirbheis fhàgail air ball; “chaìll thu,” ars’ an Diùc, “do sgillin Shasunnach, t-àite agus do chliù, airson do shannt. Foghlum o so gur e onoir modh a’s fèarr.” An so dh’aithnich am balachan co bha cuideachadh leis; agus bha an Diùc cho toilichte leis an dòigh anns an do ghnàthaich e e féin. ’s gu’n do chuir e do’n sgoil e gun dàil, agus gu’n do phàidh e airson gach goireas eile a bha feumail do’n bhalachan. AN DROBHAIR CRUINN, AGUS AM FEAR-REUBAINN Dòrlach fhicheadan bliadhna roimh ’n àm so, bha gille smiorail, fiùthail, a’ tàmh am Braidealbunn, do’m bu nòs a bhi a’ ceannach agus a’ reic feudalach—nì o d’ thugadh dha mar ainm, “An Dròbhair.” Agus, air dha bhi “cruinn,” cuimte, curanta, ’n a phearsa—agus “cruinn,” cuanta, cùramach mu ’ghnothuch—chuir muinntir na tire sin am facail “Cruinn” an déigh an “Dròbhair; agus, mar sin, bha e ’na “Dhròbhair Cruinn.” Dheanadh an Drobhair Cruinn a ghnothuch e féin, agus cha d’ earb e a’ chùis riamh ri fear eile. Gun each gun sitir, gun ghille, gun chleòca, le ’bhreacan ballach mu ghuaillibh le ’chlaidheamh liobhta nach dìobradh air a leis, agus le Bran buadhach nan cluas corrach ri ’shàil, dh’iomaineadh e a bhailean beag taghta bhò o Chaol-Renne mu thuath gu cabhsair féille Charlisle ’an Sasunn. Is ann a’ pilleadh o aon de fhéilltean an àite sin a bha e an uair a thachair e ’s a’ chunnart so. Dh’ eirich an Dròbhair Cruinn, mar bu nòs leis, mu bhristeadh na fàire, agus thug e an rathad mòr air. Chunnaic e fear-casaige greis roimhe, agus ann an tiota rinn e suas ris. Bha an so Gall mòr, mìn-tlàth-ghuthach, cho sìobhalta ri maighdinn, a thòisich gun dàil ri moladh nan Gàidheal airson an gaisge agus an rogha misnich. “Is e seachd ioghnadh an domhain, am bheachdsa,” ars’ esan, ris’ an Dròbhair, “cionnas a ghabhas sibh an rathad, moch ’us anmoch, agus mu mheadhon oidhche, le uiread a dh-òr (Air a leantuinn air taobh 30.) [TD 28] [Vol. 7. No. 4. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na eolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B. OGUST 19, 1898. COGADH NAN STAIDEAN AGUS NA SPAINNE. Cha robh eagal air bith orm fein agus air MAC-TALLA, ged bha daoine ann am Pàrlamaid nan Stàidean a bha ’glaodhach a mach airson an claidheamh a thabhairt as a thruaill, gu bitheadh luchd-riaghlaidh co amaideach agus amhuinn ’s gu tugadh iad geill no eisdeachd air bith do na ceatharnaich arda, farumach, spagluinneach a tha ’gabhail orra fein nithean beaga ’s mora an dùthcha ’stiuradh le gliocas anabarrach ’us le toinisg ’us dealas a tha, da rireadh, comharraichte. B’ olc an aire nach rachadh na daoine ’tha anns na Stàidean a togail guth laidir, feineil airson cogaidh, a chur ann an toiseach na stri ’s ann am meadhon a chunnart, agus air beul-thaobh nam peilearan a tha ’tighinn gu frasach o’n namhaid. Cha bhitheadh cogaidhean cho lionmhor, ’us cha bhitheadh na h-uiread de dhaoine òga, tapaidh, gaisgeil air an gearradh sios leis gach innleachd bàsmhor a tha aig na rioghachdan a nis. Nam feumadh iadsan a tha ’fadadh suas aimhreit ’us naimhdeis, an gunna ’chur air an gualann, agus imeachd air muir ’us tir le sarachadh ’us le cruadal, a thabhairt dioghaltas o’n namhaid, agus iad fein a thaisbeanadh mar chinn-iuil ’us mar cheannardan air an fheachd ann an aodainn gach fudair ’us gunna moir ’us lasrachadh a mharbhas no a leonas miltean. An uair a choinnich aig Genebha, àireamh dhaoine seolta, measail ’us morail, a chum gu socrachadh iad cuis eagalach, fhuaimneach na h-Alabama, ’s gu ’n airmheidh iad suas gach call, ’us olc, ’us tubaist a rinn an soitheach beag, nimheil, luath ud, bha sluagh lionmhor thall ’sa bhos ag eigheach a mach, gu d’ eirich latha grianach mu dheireadh air an t-saoghal, agus nach bitheadh gu brath tuilleadh rioghachdan a’ deanamh cogaidh an aghaidh a chéile: ach gu bitheadh iad gu samhach, ciallach, a reiteachadh gach ceist ’us cuis a dh’ fhaodadh dragh ’us clambar a thabhairt leo. Is e Gladstone ’bha aig an an àm so air ceann luchd-riaghlaidh Bhreatuinn, agus chaidh moladh mor a dheanamh air, oir bha moran dhaoine caoimhneil, cneasda ’creidsinn gu robh faidheadaireachd Isaiah, fa-dheoidh air a comh-lionadh: “Agus buailidh iad an claidhean gu coltair, agus an sleaghan gu corranaibh-sgathaidh; cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus cha ’n fhoghlum iad cogadh ni ’s mo.” Mo thruaighe! cha tainig latha grianach, na sith ’us na seasgaireachd air an t-saoghal fathast. Bha iomadh cogadh brùideil, fuileachdach, am measg rioghachdan an domhainn, on chaidh aimhreit na h-Alabama ’reiteachadh, le ’bhi ’toirt air Breatunn gach call, ’us lochd, ’us eucoir a phàigheadh tri uairean thairis. Cha ’n ’eil na geallaidhean aon chuid laidir no lionmhor a’s urrainn duinn fhaicinn aig an àm so, gu bheil crioch a’ tighinn air feachdan uamhasach agus air longan-cogaidh millteach. Tha sgriobhadairean eile ’tabhairt cunntais ann am MAC-TALLA air a’ chogadh air am bheil mi a’ deanamh iomraidh anns an litir so. Cha d’ fhuaradh riamh fios pongail, ceart, cia mar tha, no cia mar bha, luchd-aiteachaidh Chùba air an riaghladh, no cia na deuchainnean ’us na trioblaidean a tha na Cùbanaich a’ fulang. Ma tha gnothuichean co eagalach, aingidh, maslach ’s a tha daoine sonruichte ’creidsinn, nach bitheadh e comasach tabhairt air an Spàinn ceartas agus riaghladh saor, firinneach a bhuileachadh air Cùba gun chogadh idir, agus gun stri air muir ’s air tir. Tha e fior gu leor nach ’eil an Spàinn a’ cumail suas a cinn fein de ’n ghreallag, cosmhuil ri rioghachdan eile na Roinn-Eòrpa. Tha ’cairdean fein ag aideachadh agus a’ deanamh gearan cruaidh, nach ’eil luchd-riaghlaidh duineil, eifeachdach, foghainteach aice, ’s gu bheil tuilleadh ’s a choir de chainnt àrd gun fheum, gun tabhachd, ’us do mholadh orra fein, am measg an dream a tha gabhail os laimh nithean cudthromach na dùthcha ’stiuradh agus a riaghladh aig an tigh agus fada air falbh. Tha e co cinnteach ris a’ bhàs gu feum an Spàinn a riaghladh agus a gnathachadh, ’us a treoir, ’s a tuigse ’leasachadh agus ath-nuadhachadh, ma tha iarrtas ceart aice air sealbh, ’us seasmhachd, ’us meas, ’us ughdarras ’fhaotainn agus a ghleidheadh am measg rioghachdan an t-saoghail. Ma tha ’n sgeula brònach, tiamhaidh, fior, a tha ’faotainn éisdeachd air feadh nan Stàidean, tha ’cheist so iomchuidh gu leoir. Ciod e an comhnadh ann am biadh no eudach, a thug na Stàidean fathast a dh’ ionnsuidh nan daoine truagha a tha gun bhiadh, gun churam, gun chomhfhurtachd ann an Cùba? Tha MAC-TALLA ’s mi fein cinnteach gu bheil doilgheas trom ’us duaichni air feadh daoine carthannach ’us tuigseach nan Stàidean, gu do bhrist an cogadh so riamh a mach. Tha ’n cogadh a’ cosd ann an aon seachduinn barrachd airgid na cheannaicheadh Cùba eadar uachdarain ’us iochdarain, eadar a bailtean ’us a comhnardan, eadar a sruthan ’s a cnoic, eadar gach daighneach ’us laimhrig a bhuineas di. Cha ’n urrainnear a radh le firinn gu d’ rinn an Spàinn no na Stàidean euchdan mora no gaisgeil fathast. Cosmhuil ri paisdean beaga, tha gach cogadh beag, suarach air a mholadh gu h-ùr-labhrach, tartarach, air feadh nan Stàidean us na Spàinn. Feumar aideachadh nach ’eil, a reir gach eolais, ach gle bheagan gliocais air a nochdadh le luchd-riaghlaidh na Spàinn anns a’ chogadh. Cha bhitheadh e comasach do rioghachd air bith gniomh a’s truaighe na a’s suaraiche ’dheanamh le longan cogaidh na rinn an Spàinn gu ruig an t-àm so. Tha e fior gu do nochd Cerbhera, ceannard a’ chabhlaich, agus iochdarain, agus a sheoladairean, gaisge anabarrach, air an dean na linntean luadh le ioghnadh ’us cliu: an uair a threig iad acarsaid Shantiago, gun fhios idir aca co dhiu ’gheibheadh iad a mach gus a’ chuan leathann, stuadhach, no dh’ fheumadh iad striochdadh do chabhlach nan Stàidean. Thug longan cogaidh nan Stàidean buaidh uamhasach orra. Chaidh na longan Spàinnteach a losgadh; chaidh moran de na seoladairean a mharbhadh; agus bha cach, maille ri Cerbhera fein, ’n am priosanaich an diugh anns na Stàidean. Cha ’n eil feachd nan Stàidean aon chuid toilichte no ’sealbhachadh moran comhfhurtachd ann an Cùba. Chaidh iomadh ceatharnach gasda, grinn, a leon gu goirt ann an gleachd as leth nan Stàidean ann an Cuba. Chuir na Stàidean mu Thuath gaisgeich òga, mhearganta thun a’ bhlair; agus, da rireadh, tha e cianail a bhi ’cluinntinn gu bheil iad le ’n creuchdan goirt a’ fulang gu geur fo ghathannan loisgeach na gréine, ’us ar eugmhais curam iomchuidh, agus gun tighean eiridinn fasgach, fionnair aca. Tha ceudan maille rium fein, ag altrum an dochais, gu tig crioch ann an uine ghearr air a’ chogadh. Ciod e ’n t-àgh, no ’n tlachd, no ’n subhachas a chi neach carthannach air bith ann an cogadh fuileachdach, anns am bheil saighdearan dreachmhor air an leon ’s air am milleadh gu narach, agus trid am bheil iomadh athair, ’us màthair, ’us caraid ionmhuinn air an deanamh tùirseach, brònach, o’n chaill fear a bha ann an dluth dhaimh doibh a bheatha, ann an stri nan lann ’us nan gunnachan mora. CONA. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt. R. Mac Neill, Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. SANAS. THA searbhanta mhath a dhith orm gun dail. Gheibh i deagh tharasdal. CAIPT. RUAIRIDH MACNEILL. Sidni, C. B. Ogust 11, 1898. Am bheil thu air son a’ Ghàilig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna. [TD 29] [Vol. 7. No. 4. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Morair Abaraidhean air tilleadh bhar cuairt air an robh e an Columbia Bhreatunnach. Air an darna latha deug de Nobhember, bidh e ’fagail Chanada. Chaidh fear Uilleam Friseal a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Springhill, N. S., o chionn beagan us seachdain air ais. Bha e ’g obair air an inneal aig an am. Thatar ag ràdh gu’n d’ fhuaireadh ann an cearna de dh’ Astralia ris an canar Ganynee, cnap òir a thomhais ceithir fichead punnd ’sa cóig deug. Tha sluagh mor a’ dòrtadh a stigh do’n àite, agus ma tha an sgeul so fior ’s beag an t-ioghnadh. Chaidh losgadh air fear d’ am b’ ainm Hartnet ann am Margaret Bay, N, S., oidhche Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh, le fear eile d’ an ainm Griffiths, agus tha e doirbh a radh am faigh e thairis air an leòn a fhuair e. Bha an daorach air Hartnet, agus bha e feuchainn ri bristaadh a stigh do thigh Ghriffiths, ’nuair a loisg am fear sin air, a’ cur da pheilear ’na chorp. Bha moran dhaoine air am mealladh ann an taobh an iar Nobha Scotia le fear a bha ’dol mu’n cuairt a’ gabhail air gu robh e mach o chuideachd tàillearachd ann an Toronto. Bha e ’creic dheiseachan gu math saor, agus bha aig neach a’ dh’ òrduicheadh deise ris a chóigeamh cuid de’n phris a phàigheadh ’nuair a bheireadh e an t-òrdugh seachad. Fhuaireadh fios o chionn ghoirid nach robh leithid na cuideachd a bha esan ag radh ri fhaotainn ann an Toronto idir. C’uin a dh’ionnsaicheas daoine bhi faiceallach ann an déiligeadh ri daoine nach aithne dhaibh? Tha muinntir Shidni an deigh leabharnach (library) a chur air chois, anns am bheil a cheana suas ri còig ceud leabhar, agus anns am bheil dùil ri a dha uiread sin a bhi a dh’ aithghearr. Bha i air a fosgladh oidhche Shatharna s’a chaidh le Mr. Crowe, bàillidh a bhaile; bha àireamh mhor aig a choinneamh, agus bha òraidean air an liubhairt le Sir Tearlach Tupper, Dr. Kendall, Eos. Gillios, na h-Urr. E. B. Mac Raing agus H. E. Smith, agus dithis no triùir eile. Tha na leabhraichean saor do neach sam bith ’sa bhaile a ghabhas air fhein an aire thoirt orra agus an tilleadh an ceann da sheachdain. Tha dòchas againn gu’n dean an cruinneachadh leabhraichean so feum ann an Sidni; tha eagal oirnn nach eil uiread leughaidh air leabhraichean matha, grunndail ’ga dheanamh anns a bhaile ’s bu chòir, agus bu mhath gu’n deanadh na leabhraichean ùra so atharrachadh a shoirt air càil air t-sluaigh gu h-àraidh air càil na h-òigridh. Fhuair soitheach-iasgaich Geancach corp fear de na daoine chaidh a dhith leis an t-soitheach Burgogne faisg air Eilean Sable. Bu Spainnteach e d’am b’ ainm Diaz, agus bha fiach da cheud gu leth mile franc, (mu dha fhichead mile dolair ’s an airgead againne) air a chorp. Cha’n eil fhios a nise co dha a bhuineas an t-airgead sin. Thainig an soitheach a stigh gu Canso, N. S. Dh’iarr fear-ionaid na Spàinn air Ard-riaghladh Chanada an t-airgead fhaotainn dhasan a chum ’s gu’n roinneadh e e air oighreachan an duine mhairbh, ach rinn an t-Ard-riaghladh a mach nach robh gnothuch sam bith aca dhol ’san eadraiginn, agus nach rachadh iad ann. Feumaidh a chùis a nise bhi air a réiteach anns na cuirtean. Tha e mi-chiatach do’n chuideachd Fhrangach d’ am buineadh am Bourgogne nach do ghabh iad cùram de chuirp nan daoine bochda chaill am beatha air an t-soitheach aca; tha àireamh mhòr dhiubh air uachdar an uisge fhathast, agus air am faicinn le soithichean a tha dol an rathad. Thachair droch sgiorradh do ghille og d’ an ainm Harry Henderson, faisg air Halifacs air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e leum air a charbad iaruinn, agus thuit e fodha, ’s chaidh a chas a ghearradh dheth leis na cuidhlichean. Cha’n eil e ach cóig bliadhn’ deug a dh’ aois. Chaochail Muireach Mac-a-Phearsain, a mhuinntir Mhabou, anns, an tigh-eiridinn a’ Halifacs, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e tinn mu thri seachdainean, le cas ghoirt, ach cha robh dùil sam bith gu’n tugadh i ’bhàs gu dha no tri lathaichean mu’n do chaochail e. Bha e o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean a’ cumail stòir aig Drochaid Mhabou, agus bha e ’na dhuine gle mheasail. Bha e tri fichead bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Fhuair Uisdean Ros, anns a bhaile so, litir an la roimhe bho Raonull Mac-a-Bhiocair, duin’ òg a mhuinntir Phort Morien a dh’fhalbh toiseach an earraich s’a chaidh do’n Chlondaic. Bha an litir air a sgriobhadh air a’ 14mh latha de Iun; rainig iad baile Dawson latha no dha roimhe sin. Fhuair iad air an adhart gu math, gun sgiorradh sam bith a thachairt dhaibh. Tha na prisean gle àrd; flùr, $32.00 am barailte, feòil ur, o $1.25 gu $1.40 am punnd; agus bha na h-uidhean cho àrd ri $18.00 an dusan, ach tha iad a nise air tigh’n a nuas gu $3.00 no $4.00. Tha saoir a faighinn da dholair ’s an uair, agus luchd-obrach chumanta, o $1.00 gu $1.50 ’s an uair. Cha’n fhaighear tràth bidh air na’s lugha na da dholair gu leth. Tha àireamh mhath ainmeannan anns an àireamh so de’n phaipear, ach cha’n ’eil idir uiread ann ’s bu chòir a bhi ann. Tha moran de ’r luchd-leughaidh nach d’ thug freagairt sam bith air na litrichean a chuir sinn g’ an ionnsuidh. Chuir sinn cùnntais gu àireamh nach beag, ach gu ruige so cha d’ fhuair sinn fios freagairt ach o fhior bheagan. Ar leinn nach ann mar sin bu chòir do na Gàidheil a bhi déiligeadh ris a’ phaipear Ghàilig. Chaidh sinn gu cosguis mhor air an t-samhradh so air son gu’m bìodh am MAC-TALLA air a mheudachadh ’s air a dheagh chlo-bhualadh, agus bha làn dhùil againn gu’n deanadh an luchd-gabhail na bhiodh ’nan comas g’ar cuideachadh; tha sinn an dòchas gu’n dean iad sin, agus bu mhath leinnn gu’n greasadh iad orra. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AM FLUR a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ($3.00) gu Ceithir us Tri Chairteil ($4.75). Is Flur math e cuideachd. ALASDAIR MARTUINN. SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. [TD 30] [Vol. 7. No. 4. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 27.) Sasunnach agaibh ann ’ur pòcaibh!” “Tha sin againn gun ag, agus am pailteas deth,” ars’ an Dròbhair Cruinn; ach ged a tha òr Sasunnach anns na sporain againn, tha cruaidh Albannach anns na truaillean againn,” a’ cur làimhe air an àm chéudna air an lainn a bha air a leis. “Le Andra Ferràra an so, agus le Bran an sin,” ars’ an Dròbhair a’ tomhadh a chorraige ri Bran, “cha bhiodh eagal orm roimh fheur-reubainn a shiubhail riamh air dà sheirean Shasunnach am briogais Gallda.” “Ciod e!” ars’ an Gall; “’n e Fearràra da rìribh tha ad chlàidheamh? Gu cìnnteach, is ainneamh an seòrsa sin r’a fhaotuinn a nis!” “An creid thu do shùilean?” ars’ an Dròbhair, is e ga thoirt as an truaill, agus ’g a shìneadh do’n Ghall, los gu’n leughadh e an t-ainm a bh’ air. “Tha a’ chuis dìreach mar a tha thu ’g ràdh, ars’ an Gall, a’ togail na lainne, agus a’ sgaradh cinn Bhrain o ’choluinn leis a’ chéud sguidseadh. “’Nis ars’ esan, “dhòmhsa do sporan, air neo do bheatha! Tha thu ’faicinn gu’m faigh eadhon Gàidheal a’ leth-bhreac.” Bha ’n Dròbhair bochd aig iomall nan cleas. Chunnaic e gu’m bu bàs obunn dha a dhiùltadh; agus is e ’rinn e, shìn e thuige an sporan, leis na bh’ ann. “Ach,” ars’ esan, an uair a thug e dha an t-airgiod, “co chreideas am Braidealbunn gu’n spùinneadh Sasunnach mi, is rogha nan gaothar agus rogha nan claidhean am fhochair. “Na cuireadh sin cùram idir ort,” ars’ an Gall, a’ fanoid air. “Bheir mi dhiot am masladh sin; oir tha shannt orm comharradh a thoirt duit, leis am feuch thu dhoibh gur ann le neart dòideachais a thugadh do chuid uat. Sin a mach do ghàirdean air an stoch dharaich so.” Bha so cruaidh, ach cha robh dol ’na aghaidh. Shìn an Dròbhair a mach a ghàirdean. Thog an Gall an lann, ghlac e a bhil-ìochdrach fo ’dheud uachdrach, chruinnich e a mhalaidhean ’nan aon dos air bun a shròine, agus thainig e a nuas le buille tròm, tabhachdail; ach, gun tàing dha, tharruing an Dròbhair Cruinn a ghàirdean, thuige mar a bha am buille ’a tighinn a nuas, agus is ann a chaidh an lann gu ’cùl-cuirce ’s an stoc dharaich. Mus an cnacadh sibh cnò, bha ’n Dròbhair Cruinn ’n a ugan. Shad e air glaisnich a dhroma e, chuir e a ghlùn air a ghoile, agus thug e dheth a chuid féin. Cha d’ fhoghainn sin leis, ach cheangail e caol a dha dhuirn air cùlaobh a dhronnaig, agus dh’ iomain e roimhe e mar gu’m bitheadh laos boc air spearraich ann, gus an d’ thug e dh’ ionnsuidh an luchd-ceartais e—daoin’ uaisle nach d’ rinn dearmad air an urram dhligheach a chur air a’ Ghall, le ’àrdachadh moch an la ’r-na-mhàireach, le dual de bhall cainbe mu’n amhaich aige. Chaidh an Dròbhair Cruinn dhachaidh sàbhailte le ’chuid airgid. Ged nach d’ thug e a chù leis thug e ’chlaidheamh leis; agus tha e glé choltach leam gur ann mu’n cheart chlaidheamh so a thuirt Donncha Bàn:—“Ghearradh e ubhall air uisge, le fìor gheìread.” TIGH DHE. Bu bhòidheach réidh an fhaiche air an robh ’n tigh aoraidh so air a shuidheachadh; àite sàmhach grianach ann an uchd beinne, air a chuairteachadh le craobhaibh àrda, air bruaich aibhne a bha siubhal seachad gu sèimh sàmhach. Bha e uile gu léir ’na àite co tìreil uaigneach ’s a b’ urrainnear fhaicinn. Bha ioma slighe a’ treòrachadh chum na h-eaglais so, agus cha’n eil e fuasd’ a ràdh cò dhiubh bu taitniche. Bha aon slighe a’ dìreadh o thaobh na fairge, ’na lùbaibh bòidheach troimh choillidh òig, a bha fàs gu dosrach nàdurra air na bruachaibh grianach sin. Bha slighe eile ag iathadh mu ghuala na beinne, ’s a’ téarnadh a dh’ionnsuidh na h-aibhne troimh chluanaibh lusrach feurach, air an robh treudan lìonmhor do chaoraich ag ionaltradh, le’n uain bheaga gheala a’ mireag mu’n cuairt doibh. Bha, mar an ceudna, ioma ceum-monaidh agus frith-rathad aimhleathan tre’n fhraoch, fo dhubhar a’ bheithe agus a’ bharraich, a’ treòrachadh chum an àite cheudna.—B’àbhaist domh air uairibh suidhe air uchd tuim a bha dlùth do’n eaglais, o’n robh agam sàr-bheachd air mo choimh-thional ’nuair bha iad a’ cruinneachadh o gach taobh a dh’ionnsuidh tighe an Tighearn air a latha naomh. Bha cuid diubh fad’ ann am shealladh;—agus is iomad smuaintean àghmhor teas-chridheach a dhùisgeadh ann am inntinn, mar a chithinn, iad a’ teachd air an aghart, agus a’ dlùthachadh, uidh air ’n-uidh, gu tigh na h-ùrnuigh.—Aon là ’nuair shuidh mi san àite sin, tamull beag mun do thoisich an t-aoradh, smuainich mi air an dealas àrd a dh’fhiosraich Righ Daibhidh ’nuair a ghlaodh e, “Bha aoibhneas orm an uair a thubhairt iad, do thigh an Tighearna théid sinn. Seasaidh ar cosan an taobh a stigh do d’ gheataibh, O! Ierusalem. Tha Ierusalem air a’ togail mar chaithir a tha air a coimh-cheangal ri chéile; d’an téid na treubhan suas, treubhan an Tighearna gu teisteas Israeil, a thoirt buidheachais do ainm an Tighearn.” Smuainich mi air a liugha beannachd prìseil a tha fuaighte ri mòr cho’-chruinneachadh an t-sluaigh airson aoraidh follaiseach. Cia lìonmhor anam neo-bhàsmhor a tha air a’ cheart àm so a’ cruinneachadh airson na h-aon obair mhòr agus chudthromaich, gu ùrnuigh agus moladh, a dh’ éisdeachd focail Dé,—chum bhi air ar beathachadh le aran na beatha! Tha iad a’ fàgail an àiteacha-còmhnuidh fa leth, agus ann an uine ghearr bithidh iad uile cruinn ann an tigh an Tighearna. Cia àillidh an soilleireachadh tha againn ann an so air an tairbhe àghmhor a tha fuaighte ri guth an deagh bhuachaille, a’ gairm a chuid caorach féin o gach cearna do ’n fhàsach! Mar tha ’n t-slighe ud shìos, na cluaintean ud thall, agus na monaidhean ud shuas a’ giulan dhaoine mhnathan, agus cloinne o iomad cearna ’s iad a’ tharruing ni ’s dluithe air a chèile, ’s air cionfàth an turuis; mar sin thig moran o’n aird-an-ear, agus o’n àird-an-iar, o’n àirde-tuath agus deas, agus shuidhich iad sìos ann an rìoghachd an Athar. Cò is urrainn an leithid so do àmannaibh prìseil a mheas mar bu chòir?—amannaibh air an cur seachad ann am fòghlum slighe a ghàirdeachais naoimh, agus ceumaibh beannaichte na sìth,—àmannaibh air an coisrigeadh do Dhia agus do leas anamaibh, a’ toirt rabhaidh do’n pheacach teicheadh o’n fheirg a ta chum teachd, a’ teagasg do’n aineolach cionnas a chaitheas e a bheatha, agus mar is còir dha bàsachadh; a’ searmonachadh an t-Soisgeil do na bochdaibh, a’ slànachadh a’ chridhe bhriste, a’ searmonachadh saorsa do na braighdibh agus sealladh nan sul do na doill.— Leabhar nan Cnoc. IADSAN A’ PHAIGH. Tearlach Mac Aoidh, Lunnainn Sasuinn. Cailein Siosal, Lunnainn Sasuinn. A. Dawson, Lunnainn Sasuinn. E. Hepburn, Lunnainn Sasuinn. Ian Mac Coinnich, Lunnainn Sasuinn. (7 air) Aonghas I. MacGill-fhinnein, Boston, Mass. Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont. An Comunn Gailig, Hamilton, Ont. Domhnull Mac Rath, Vancouver, B. C. An t-ard Mhaor, Vancouver, B. C. Iain Mac Fhionghain Allt-a-Bhaillidh, N. S. Domhnull Mac-a-Phearsain, Antigonish, N. S. Raonull Domhnullach, Kempt Road, C. B. Seonaid A. Cheanadach, Valley Mills. Iain A. Mac Isaic, Meinn a Tuath. Aonghas I. Mac Neill, Rudha Ghillios. $2.00 Bean Neill Mac Leoid, Beinn Chain. Calum H. Gillios, Braigh Mhargaree. Alasdair Caimbeal, Brook Village. Niall Mac Leoid, Port Morien. $4,00 Eoghann Mac-a-Bhiocair, Sidni. Murchadh Mac-a-Ghobha, Sidni. D. I. Mac Leoid, Sidni. $2.00 An Siorram Buchanan, Sidni. Ceat Anna Nic Fhearghais, New Boston. Aonghas Moireastan, Grand Lake. Iain Mac Coinnich, Gut Mhira. Seumas C. Domhnullach, Iona. D. A. Mac Cuthais, Seana Bhridgeport. An t-Urr.Iain Mac-an-Toisich,Malagawatch. Mairi Anna Domhnullach, Ceann Dearg, Bean Iain D. Dhomhnullaich, Framboise. Seumas Mac Aonghais, Kennington, Cove. An t-Urr. A. Mac Gille-mhaoil, Beighe’n Iar. Bean Raonull Dhomhnullach, M. B. Road. Gilleasbuig Mac Fhearghais, M. B. Road. M. R. Mac Neill, Benacadie Pond. Niall Mac Gilleain, Foruchu. Iain Mac Gille-mhaoil, Hawthorne. Donnachadh C. Gillios, Sea Sfde. A. I. Mac Fhearghais, Carribou Marsh. Ceit M. Dhomhnullach, B. C. Marsh. Uisdean Mathanach, Marion Bridge. Murchadh Domhnullach, Ceap Nor. Domhnull Johnston, Leitches Creek. Iain Mac Aoidh, Grand River. $2.00 Iain Camaran, Grand River. Aonghas Domhnullach, Boulardarie, 50c. D. N. Mac Aoidh, Eas Grand River., 50c. Iain L. Mac Gilleain, Woodbine, 50c. Eoghann Mac Eachairn, am Beighe’n Iar, 50c. Padruig Mac Gilleain, Cul Eilean Xmas, 50c. Niall Mac Gilleain, Groves Point. 25c. Aonghas Domhnullach, Drochaid na h-Aimhne Tuath. Tha a chuairt mhor ’na suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so, bha i air a fosgladh Di-mairt. An Tuathanach agus am Fear Lagha. Thàinig tuathanach a dh’ ionnsuidh fear lagha àraidh bu choimhearsnach dha, ag aithris gun robh e ro-dhuilich air son sgiorradh a dh’ éirich do aon d’ a spréidh. Chaidh damh leatsa, thubhairt an tuathanach, a mharbhadh le droch tharbh a bhuineas dhomhsa, agus b’ àill leam fhios fhaotainn ciod a dhiolas mi dhuit air a shon. Tha thu a’ d’ dhuine còir agus cothromach, thubhairt am fear-lagha, agus air an aobhar sin tha ni am barail nach meas thu e’n a ni cruaidh aon do d’ dhaimh féin a thoirt dhomh ’na àite. Tha sin ro-cheart, ars’ an tuathanach; ach ciod a thubhairt mi, chaidh mi gur tur a’ mearachd, oir is e tarbh leatsa a mharbh damh leamsa, agus uime sin tha mi am barail a réir do bhreith féin gu’n toir thu dhomh damh eile ’n a àite. Tha sin ag atharrachadh na cùise, thubhairt am fear lagha, féumaidh mi fiosrachadh mu thimchioll a’ ghnothuich so, agus ma thachair—agus “ma thachair” thubhairt an tuathanach; tha mi faicinn gu’m biodh an gnothach air a chur gu taic’ gun agadh air bith nam biodh tusa cho deas gu ceartas a dheanamh do shluagh eile, is a tha thu gu ceartas a dheanamh dhuit féin. Bha ’s an ainm air an t-seachdain s’a chaidh gu’n d’ fhuaireadh mèinn ghuail anns a Bheighe ’n Ear, agus gu robh an gual a bh’ innte anabarrach math. Cha’n eil fhios co-dhiu tha no nach eil sin fior, ach ’si bharail a th’ aig moran nach eil, agus tha ’n àireamh a’s motha deònach feitheamh gus am bi an gual air a dhearbhadh. Tha sinn an dochas gu bheil e cho math ’sa tha ’ainm ach ’s ann a tha eagal oirnn gu’n tachair dha mar a thachair do òr Hogamah—gu’n searg e as mar fheur na maidne. Tha sinn a’ creidsinn gur dùthaich Ceap Breatunn nach eil a h-àicheadh furasd’ fhaotainn, ach cha’n fheairrd a cliù idir a bhi ri bòsd ’s ri bòilich mu gach gràinean buidhe agus cnap dubh a gheibhear an grunnd aimhne no an taobh beinne. Rinneadh mearachd an an ainm aon diubhsan a phàigh, anns an àireamh a thainig a mach air an 8mh latha de Iulaidh. An àite M. Nic Ghriogair, Mount Brydges, Ont., ’s e bu choir a bhi ann “Calum Mac Ghriogair.” Tha Mr. Mac Ghriogair ’na bhall de ’n Ard-phàrlamaid, a’ suidhe air son siorrachd Middlesex a Deas. Tha sinn an comain caraide a thug f’ ar comhair am mearachd a rinn sinn, agus tha sinn an dòchas gu ’n gabh an Gàidheal còir, Mr. Mac Ghriogair, ar leisgeul. Tha side mhath feòir ann air an t-seachdain so, agus rinn sin feum mor do na tuathanaich. Bha am fiar roimhe so an impis a dhol a dholaidh leis cho fliuch ’sa bha ’n t-side, ach fhuaireadh roinn mhor dheth a chur fo dhion, air a dheagh chaoineachadh, air an t-seachdain so. Tha am fiar gle mhath air an eilean so, agus tha sinn a’ cluinntinn gu bheil e mar sin anns gach cearna de Chanada. Theich seoladair d’ am b’ ainm Mac Leòid, bhar soitheach ann an Louisbonrg, o chionn ghoirid, a toirt leis da cheud gu leth dolair de dh’ airgead an sgiobair. Chaidh a ghlacadh ann am baile Halifacs, ’sa thoirt do ’n bhaile so gu cùirt a sheasamh. Fhuair e da bhliadhna gu leth dhe ’n tigh-obrach air son na meairle. [TD 31] [Vol. 7. No. 4. p. 7] Tha Breatunn agus Ruisia an impis a bhi mach air a cheile mu China. Bha cuideachd Bhreatunnach ann an Sina a’ deanamh còrdaidh ri riaghladh na dùthcha sin, a bha air son airgead a ghabhail an iasad gus rathad-iaruinn a thogail. Bha an rathad ri bhi air a thoirt do’n chuideachd an geall an airgeid, ach ’s ann a bhac Ruisia do riaghladh Shina a thoirt dhaibh. Cha chuir Breatunn suas le a leithid sin idir, agus mur dean Ruisia tigh’n air ais beagan, bidh an aimhreit ann. Tha riaghladh Bhreatuinn a’ deanamh ullachaidh air son cogaidh; tha iad air son airm-mara Bhreatunn a bhi na’s làidire na airm-mara Ruisia ’s na Frainge air an cur cuideachd. Tha dòchas aig daoine nach tig cogadh as an eas-cordadh so, ach ged nach tigeadh e aig an àm so, cha ’n eil ni a’s cinntiche na gu’n tig e uair-eigin. Tha Ruisia cho naimhdeil ri Breatunn ’s nach urrainn an t-sith a bhi ro bhuan. Am Feillire. OGUST, 1898. 1 Di-luain An Liunasdal. 2 Di-mairt Blar Bhlenheim, 1704. 3 Di-ciaduin Crunadh Seumas III, 1460. 4 Dior-daoin (3) Ceud thurus Cholumbuis, 1492 5 Di-haoine Bas Roib Dhuinn, 1778 6 Di-satharna (5) Blar Ghruinneart, 1598. 7 DI-DONAICH 9mh Domhnaich na Trianaid 8 Di-luain Bas Dheorsa Channing, 1827 9 Di-mairt 10 Di-ciaduin 11 Dior-daoin Blar Dhailrigh, 1309. 12 Di-haoine Breth Deorsa IV, 1762. 13 Di-satharna Bacadh deise Ghaelich, 1746 14 DI-DONAICH 10mh Dòmhnaich na Trianaid 15 Di-luain Breth Bhoniparte, 1769. 16 Di-mairt Fad an latha, 13 u. 50 m. 17 Di-ciaduin 18 Dior-daoin Blar Phreston, 1649. 19 Di-haoine Bliadhna Thearlaich, 1745. 20 Di-satharna 21 DI-DONAICH 11mh Dònaich na Trianaid. 22 Di-luain Blar Dhunchaillinn, 1669. 23 Di-mairt Bas Uilleim Uallais, 1305. 24 Di-ciaduin Feill Bhartolomeis. 25 Dior-daoin Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-haoine Blar Chrecy, 1346. 27 Di-satharna 28 DI-DONAICH 12mh Dònaich na Trianaid 29 Di-luain Blar Loch Aillse, 1722. 30 Di-mairt Bas Chardinail Iorc, 1807. 31 Di-ciaduin Fad an latha, 13 u. 6 m. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Lan, L. 2, U. 0, M. 15 M. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 9, U. 1, M. 59 M. An Solus Ur, L. 17, U. 6, M. 20 M. A’ Cheud Cheathramh, L. 24, U. 4, M. 18 F. An Solus Lan, L. 31, U. 8, M. 37 M. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear - Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 32] [Vol. 7. No. 4. p. 8] Air [?] ’bhi Latha a’m Baideanach. Tha sneachda ban nam mullaichean Mar fhuar-bhrat air an fhraoch; ’S gur cianail fuaim nan duilleagan Fo fhulasgadh na gaoith. Mi direadh mall, do bhrathaichean, ’Bhraigh’-Ruadhnaich ghlais an fheoir! Gur leir dhomh thall na tulaichean A shiubhail mi gle og. Tha an Ceathramh ’laigh ro dheisearra, Gu preasach, cnocach, ard; ’S an Lagan mhan an taice ris, ’Am fasgadh na Craig-Bhalg; Tom-Barrai’ mor bu sheasgaire, ’S Tom-Cheireig biorach, lom— ’Bhi sealltainn air na chunnaic mi, A dhuisg mo chridh gu fonn. Bu bhinn air feadh nan coilltichean, Bho Ghoineig sios gu Rat, An smeorach ’seinn mu ’n t-soillearachd, La boisgeanta ’s a’ Mhai; Ach thar gach ait, gu ’m b’ aite leam Na baird mu Uisge Spe; Bhiodh feadaireachd ’s ceol-gair’ an sud, Gu am dol fo na grein’. Is grinn leam nis ’bhi beachdachadh Gach leacainn agus loin Tha Clachan geal Chinn’-Ghiubhsaich null Air uchdan Thom-a’-Mhoid. Tha cuideachd mhor de ’m chairdean ann, An tasgaidh shior fo ’n fhoid; ’S ged theid mi dh’ fhios an carraighean, Cha ’n fhaigh mi guth am beoil. M’ Fheill Chollum-Chill’ chaidh seachad, Thainig teachdaireachd an righ, A ghiulain uam le seimh ghuth ciuin An neach nach duisgeadh stri. Bu mhor do chridh’ ’s do mheinn dha cach— Bha beannachd bhochd leat riamh; ’S le moladh binn a shiubhail thu, ’G ad liubhairt fein do Dhia. Bu mhinig ’teachd a’r d’ aire sa Na lathaichean a dh’ fhalbh; ’Am Baile-’Chrothain aighearach, ’S Pitmean nan glaic ’s nan crann. Bhiodh Cuil-an-Lin, an Fhaire Dhubh, ’S Allt-Lairigh air do smuain; ’S bu ghaolach leat na comh-aoisean Chaidh romhad thun na h-uaigh’. Thig caochladh air an t-saoghal so, Mar ghaoith ’am badan ceo; ’S na fardaichean a b’ aithne dhuinn, Cha ’n fhaicear sinn ni ’s mo; Ach shuas ’s a’ bhaile bhunaideach, Tre ’n fhuil a bha ’g a dort’, Bi’dh comhdhail bhuan, gun dealachd, ann, ’S gach anam ’seinn le ceol. T. S. S. Lagan-Dhuruis. MORT NA CEAPAICH. Cumha do Mhac Mhic Raonaill na Ceapaich agus a Bhrathair, a Chaidh a Mhort ’sa Bhliadhna 1663. LE IAIN LOM. ’S mi am shuidh air bruaich torrain Mu ’n cuairt do choire na cleithe. Ged nach h-eil mo chas crubach Tha lot na ’s mu orm fo m’ leine. Ged nach h-eil mo bhian sracte [?] mo chreuchdan. [?] na h-imrich [?] [?] ’S [?] mi; Ach bhi ’n nochd gun cheann-cinnidh, ’S tric ’s gur minig leam foin sin. Ceann-cinnidh nam Braigheach, ’Chuireadh sgath air luchd-Beurla. Tha mo choill air a maoladh. Ni a shaoil leam nach eireadh. Tha mo chnothan air faoisgneadh ’S cha bu chaoch iad ri m’ fheuchainn. Cha ’n eil ann diu ach tuaileas, Dh’ fhan iad bhuam am barr gheugan. Cha b’e fuaim do ghreigh lodain Gheibht’ a’ sodrich gu feilltean; No geum do bha tomain Dol an coinnimh a ceud laoigh; No uisge nan sluasaid Bharr druablas na feithe. ’S e bu mhiann le d’ luchd-taighe Bhi ’gan tathaich le beusan. Mu dha thaobh Garbh-a-chonnidh Far ’m biodh na sonnanich gle mhor. Le m morgha, geur, sgaiteach, Frith bhacach, garbh, leumnach. ’S beag an t-ioghnadh leam t’ uaisle Thighinn an uachdar ort ’eudail; Is a liuthad sruth uaibhreach As ’n do bhuaineadh thu ’n ceud uair Ceist nam fear [?] Fhearsaid Is bho Cheapaich nam peuran; Bho Loch Treig an fheoir dhosrich, ’S bho shrath-Oisein nan reidhlean ’S bho cheann Daire-na-mine, Gu sron-na-h-Iolaire leithe. Sliochd an Alasdair Charraich Rachadh allail na eideadh; Sar mhac an Iarl Ilich, Ceannard mhìltean is cheudan; ’S ro mhath shloinninn do shinnsreadh Fhuil dhireach Chuinn-Cheud-Chathich; Bho mhac an righ Spaintich A rinn tamh ann an Eirinn; Siol mhilidh nan cathan A bha grathun ’san Eiphit. B’e mo chreach is mo ghonadh Nach d’ fhuair thu cothrom na Feinne; Gun tigh’nn ort ’s tu ’nad chadal Ann an leaba gun eirigh. ’S ann air maduinn Di-domhnaich ’Rinn na meirlich do reubadh; Da mhac brathair t’ athar Gum bu sgrathail leam fein sud, Agus seachd de shiol Dhughaill, Luchd spuilleadh nan ceudan. Ach, thig Sir Seumas nam bratach ’S bheir e ’m mach dhuinn bhur n-erig; Agus Aonghas bho Ghairidh, Leoghan fathramach, gleusda, ’S gun a choimeas air thalamh An am tarruinn nan geur-lann. Thig na cinn dibh a chonaibh ’S ann leam bu toilicht’ an sgeula. An Ribhinn Bheag Og. LE SEUMAS MUNRO. Fonn:—“Mo Mhali bheag og.” Gur gaolach leam ’bhi lamh riut, A shar-ainnir og, Ged tha thu fos ’ad phaiste, Mo shar-chailin og— ’S na ’m b’ eolach mi air bardachd Gu ’n cuirinn dan air airde ’S am foillsichinn dhoibh d’ aillteachd, Mo shar-ainnir og. Gur boidheach leam do mhin-fhalt A ribhinn bheag og, ’Na dhualagan mar shioda, A ribhinn bheag og— Do shuilean glana miogach, Mar dhearrsa-grein’ air fior-uisg’, ’S do ghruaidhean meachair lith-ghlan, Mar liomhar nan ros. Do bheul mar chuachaig-mheala, Mo chailin beag og, Do mhuineal, geal mar eala, Mo chailin beag og; Do bhroilleach mar an neoinean, Mar cheol nan speur do chomhradh, ’S do dheud mar shneachd air og-chur, Mo theo-chailin og. ’S ’nuair ruigeas tu an aois sin, A chaoin-ainnir og, Gur lion iad a bheir gaol dhuit, A chaomh-ainnir og— ’S an t-oigear sin d’ an tarl e Thu ’bhuileachadh do laimh air Bi’dh sonas buan na fhardaich— A thlath-ainnir og. BAS. —Ann a Waima, New Zealand, air an 29mh de ’n Og-mhios, 1898, agus anns an 71mh bliadhna de a h-aois: [?], bean ghradh Mhurachaidh B. Mhic Coinnich, agus nighean bu shine Mhurchaidh Mhic Amhlaidh, nach maireann, an Ceann-a-Chobh, am Baddeck, C. B. Dh’ fhag i companach, coignear mhac agus aon nighean, a caoidh a chall nach gabh leasachadh s an t-saoghal so. “Air siubhal, ach air chuimhne.” Grace Darling. Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh de September, shabhail Grace Darling agus a h-athair, le’n treine, naodhnar dhaoine o bhi air am bathadh. Tha ’n obair sin, sabhaladh beatha, a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slan an doigh a’s fhearr air son a bhi fior shona. Tha stamagan neo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, gh b’e aite ’m faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh agus leigheas do stamagan neo-fhallain, ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shar-mholadh. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $4.00 Sia miosan, 2.00 Tri miosan, 1.00 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. C. H. HARRINGTON & CO. NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. [TD 33] [Vol. 7. No. 5. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 26, 1898. No. 5. DICHIOLL. Tha ’n t-àm so de ’n bhliadhna ann an seadh sonruichte dichiollach ann an Canada. Tha MAC-TALLA anabarrach dichiollach a nis. Cosmhuil ris na caileagan a dh’ fheumas deise ùr ’fhaotainn anns an t-samhradh, tha MAC TALLA fein a’ deanadh gach dichioll airson trusgan ùr, eireachdail a dheasachadh dha fein, agus sgeadachadh ’us suaicheantas a chur ann an ordugh maiseach, agus mar so gu faigh e aite ni ’s modha ’s ni ’s dealbhaiche na bha riamh roimhe aige am measg paipearan an t-saoghail. An uair a bhitheas deise bhoidheach MHIC-TALLA ann an uidheam ghleusda, cheart, toisichidh e ’rithist a chuairt uasal, bhaigheil air feadh nan Gaidheal, agus bithidh aobhar laidir aca a bhi proiseil, toilichte, do bhrigh gu bheil MAC-TALLA co foirmeil, grinn, lurach, farumach ’n a eideadh snasmhor, snuadhach, ùr. Gun teagamh gheibh e cairdean lionmhor air nach robh eolas aige roìmhe, ’nuair a chi iad MAC-TALLA, le ’Ghàidhlig phongail, fhonnmhor, mhilis, a’ falbh an ear ’s an iar, agus a’ cur impidh air gach Gàidheal lag-chridheach mosgladh á suain na di-chuimhne ’s a bhi dileas do chanain ’s do abhaistean laghach nan daoine bho ’n tainig e, agus a bhi cairdeil, carthannach ri fior charaid nan Gaidheal ’na shuaicheantas ùr, nodha, dealrach, gasda. Bithidh e gle narach mur faigh MAC-TALLA aoidheachd ann an dachaidh nan Gàidheal, agus mur sìn iad lamh fhaoilidh airson comas a bhuileachadh air a bhi ’tabhairt urraim ’us onoir do ’n Ghaidhlig a labhair Oisein ann an Seallama, ’s a labhair ’us a sheinn iomadh bard ’us clarsair anns na laithean a bha ’s a dh’ fhalbh. Tha mi cinnteach gu bi sinn uile lan gairdeachais ’us greadhnachais, an trath a chi sinn culaidh dhreachmhor, sgiamhach MHIC-TALLA, ’s gu ’n abair sinn le guth togarrach, toilichte: “A h-uile latha sona dhuit, ’us gun aon latha dona dhuit.” Imich air d’ aghaidh gu gaisgeil ’us gu foghainteach, agus bithidh gach Gàidheal ann an Canada measail ort agus fior-dhileas duit. Is ann le tlachd mor a’ tha sinn a’ faicinn gu bheil Canada lan dichioll ’us aghartais air a’ bhliadhna so. Cha d’ thug bancannan na dùthcha riamh roimhe uiread airgid seachad. Tha e gle shoilleir ma ta, gu bheil gach ceaird ’us innleachd g’ an cur air an aghaidh le dealas ’us tapaidh fuasach. On bha ’n aimsir co fabharach, taitneach againn bho thoiseach an earraich, tha gach fonn, ’us achadh, ’us magh a’ giulan toraidh luraich. Tha barr àluinn feoir againn ann an Ontario. Tha obair an tuathanaich moran ni ’s fhasa na b’ abhaist di ’bhi. Cha ruig e leas a bhi ’gearradh an fheoir le speal agus le neart a ghairdein fein. Tha inneal gasda aige, ’s le neart nan each gearraidh e sios am feur gu sgipidh. B’ abhaist do ’n speal am feur fhagail anns an spagh, far nach ruigeadh teas na gréine e gu luath. Tha ’m feur leis an inneal ghleusda ’tha ’ga ghearradh sios, a’ tuiteam air an lar mar dh’ fhas e. Caoinichidh e ann an uine bheag, agus tha e deas airson a thabhairt a stigh do ’n t-sabhal. Tha ’m feur gann an drasd’ ’s a rithist ann an Ceap Breatunn. Tha moran feoir aig Ontario r’a sheachnadh air a’ bhliadhna so. Rinneadh oidheirp cheana air feur a thabhairt do ’n Roinn-Eòrpa bho Chanada. Tha eagal orm nach do shoirbhich gu ro-mhaith leo-san a thug am feur thar a’ chuain. Tha ’n cruinneachd geamhraidh cheana, air a ghearradh sios ann an Ontario. Is e barr torach, brioghmhor a tha ann. On bha, bho cheann uine mhoir, Manitoba ’togail fuathais cruinneachd, ’s ’ga reic gu saor, stad tuathanaich ann an airde ’n ear Ontario air cruinneachd a chur. Tha iad a’ cumail a mach nach ’eil ach barr ciogailteach anns a’ chruinneachd, on tha ’n aimsir co fuar, caochlaideach. Tha mi cinnteach gu teid tuilleadh cruinneachd a chur am bliadhna na chaidh ’chur o cheann iomadh bliadhna roimhe. Thuit frasan troma uisge gu bitheanta, ’s air an aobhar so tha ’n ionaltradh fior-mhaith. Tha pris nach ’eil idir dona ’g a fhaotainn air caise ’us ìm. Bithidh deadh-ainm caise Chanada air a mheudachadh ann am Breatunn. Gheibh Canada mar an ceudna, cuibhrionn a’s modha na bha roimhe aice, de mhargadh fiachail an ìm ann am Breatunn. C’arson nach faigheadh tuathanaich na dùthcha so margadh ullamh, maith ann am Breatunn airson gach caise ’s ìm a’s urrainn duinn a dheasachadh agus a sheachnadh? Tha òr us clachan luachmhor eile air am faotainn ann an iomadh cearna de Chanada. Tha sinn fa-dheoidh a’ tuigsinn cia co anabarrach mor ’sa tha ’m beartas a tha againn ann an cnoic ’s ann an sruthain Chlaondaic, agus ri taobh na h-Aimhne Fhrasaich. On tha cothroman co lionmhor agus ionmhasan co iomadach againn, cha ’n ’eil ioghnadh air bith oirnn a bhi ’cluinntinn nach d’ thug bancannan na dùthcha uiread airgid riamh roimhe seachad, airson saothair ’us dichioll de gach seorsa ’chuideachadh agus fhosgladh, ’us a thabhairt air an aghaidh gu h-inbhe sheasmhach aillidh, mhaith. Chi neach air bith aig am bheil cuimhne air laithean nan longan-seolaidh, cia co iongantach ’s a thainig Canada air a h-aghaidh, an uair a ghabhas e beachd air na bàtaichean-smuide eireachdail a tha gach latha ann an acarsaid Mhontreal. Bho Bhreatunn, bho ’n Fhraing ’us bho dhùthchannan eile, tha bàtaichean mora smuide ’giulan cruinneachd, ’us coirce, ’s eorna, ’us peasrach, ’us crodh, ’us eich, ’us caoraich bho Mhontreal, agus a tabhairt malairt de mhile seorsa o thirean céin a dh’ ionnsuidh ar dùthcha. Bithidh luchd-riaghlaidh Chanada gle thric ’g am moladh fein agus ag radh gur ann doibhsan a bhuineas gach cliu gu bheil dichioll, ’us pailteas, ’us soirbheachadh, r’ air faicinn anns gach cearna de Chanada. Tha MAC-TALLA ’s mi fein de ’n bheachd ceudna, ’n uair a tha sinn cinnteach gur e dichioll, ’us stri, ’s spairn, ’us deanadas ar luchd-dùthcha iad fein, a tha ’cur an gniomh euchdan co taitneach ann an Canada, agus a tha le durachd ciatach a’ dol a null agus a nall, far an cluinnear fios no iomradh gu bheil clachan luachmhor r’ am faotainn, no gu bheil comhnardan farsuing, reamhar a’ feitheamh sgil ’us seirbhis an tuathanaich, no gu bheil maoin air bith r’a fhaotainn trid am faod malairt tarbhach a bhi eadar Canada ’us Rioghachdan eile. CONA. LITIR O GHILL’ OG GU ’MHATHAIR. Sgriobhadh an litir a leanas le gille òg a bha togail ionnsaichidh ann an Oil-thigh na Ban-righ, ann an Kingston, ’us e mach a’ searmonachadh aig àm na Nollaig:— L’ AMABLE, Dec. 27, 1889. A MHATHAIR GHRADHACH,—Tha mi cinnteach, air dhomh a bhi sgriobhadh a dh’ ionnsaidh chàich uile, gu ’m bheil còir agam beagan fhocal a sgriobhadh thugaibhse. Bha dùil agam sin a dheanamh fad na h-ùine, cho luath ’sa thigeadh na làithean tàimh aig an Nollaig. Bha mi cho driopail roimhe sin ’s nach robh ùin’ agam air suidhe sios agus sgriobhadh anns a Ghàilig. Ach a nise do bhrigh gu ’m bheil beagan ùine agam dhomh féin, tha mi ’n dùil nach urrainn mi a cur gu buil a’s fearr na beagan fhacal a chur do ur n-ionnsuidh féin. Anns a cheud àite faodaidh mi a radh gu ’m bheil mi aig an àm so a mach ceud mile tuath air Kingston; tha mi ’mach ann a so air chùl nam beann, a searmonachadh an t-soisgeil airson tri Sàbaidean. Bha mi gle thoilichte gu ’n do chuir iad a mach mi aig an àm so, do bhrigh gu ’n sàbhail mi tri seachdainean de phàigheadh mo bhùird, agus air chùl sin ni mi beagan a ghleidheadh. ’S e àite gle iomallach ’tha ’n so, ach tha ’n sluagh gle mhaith agus caoimhneil. Tha mi a fantainn ann an tigh duine gle laghach; tha iad cho còir ’sa bhitheadh iad aig an tigh, agus feudaidh mi innse dhuibh gu ’n d’ fhuair mi deoch mhath de bhainne an la roimhe. Tha tri stations ann a so, agus tha searmon a dheanamh anns na tri àitean so na h-uile latha. Bha mi gle sgith la na Sàbaid a chaidh seachad. B’ eigin dhomh siubhal seachd mile eadar na h-eaglaisean, ach cha do choisich mi idir. Bha an latha cho fuar, agus an rathad cho dona, agus gu robh mi gle sgith. Dh’ fhag mi Kingston air a 19mh la deug, agus cha d’ fhuair mi litir on uair sin; cha ’n eil suil àgam ri aon anns an aite so. Tha tacan o na chuala mi o I—agus A—; bha iad uile gu math aig an àm sin. Faodaidh mi a radh gu robh dùil aig A—a dhol a mach mar an ceudna. Cha ’n eil fhios agam c’àite an deachaidh e; tha mi cinnteach gu ’n cluinn sibh fein uaithe. Feudaidh mi innseadh gu robh latha mor againn ann an Oil-thigh na Banrigh, air an 18mh la deug, an 50mh anniversary do ’n oil-thigh. Bha ’n t-Ard-Riaghladair ann, agus mar an ceudna Sir Iain A. Chunnaic agus chuala sinn an dithis aca; rinn iad òraidean le cheile, agus bha sinn uile toilicht’ am faicinn agus an cluinntinn. Bha mi gle thoilichte bhi cluinntinn gu robh sibh a faotainn ur slàinte meadhonach math air a gheamhradh so; ’se ni ro luaachmhor a tha ’n so, tiodhlaic iongantach bho Dhia. ’Nuair a sheallas sibh air ur n-ais air ur beatha, cha ’n nrrainn sibh ach ioghnadh a ghabhail ri maitheas Dhia do ur taobh. Thuige so chuidich an Tighearna leibh, ’s mor a rinn E air ur son uile; tha dòchas agam gu ’m bheil sibh a nise a leigeil bhur taice gu h-uile air a ghàirdean treun. Tha agad gàirdean cumhachdach, A ta do lamh ro threun; A Dhé a ta do do dheas lamh fòs, Ardichte mar an ceudn’.” Feudaidh an t-slighe a bhi dorcha iomadh uair agaibh, agus nach urrainn sibh Criosd fhaicinn, ach gidheadh tha a ghealladh cho seasmhach; theid nèamh agus talamh thairis, ach cha teid aon ghealladh a thug esan thairis gun a bhi air an coimhlionadh. Ged nach fhaic sinn a ghrian air latha dorcha anns na speuran, gidheadh tha fios againn gu ’m bheil a ghrian anns na speuran. Mar sin ged nach faic sinn Criosd, grian na firinntachd, gidheadh tha fios againn gu ’m [TD 34] [Vol. 7. No. 5. p. 2] bheil e ann. Cha ’n e an greim a tha againn air Criosd anns a bheil ar sàbhailteachd a co-sheasamh, ach an greim a tha aig Criosd oirnne; tha e fein ag radh: “Cha’n fhag agus cha treig mi ’feasd thu; ’nuair a theid thu troimh na h-uisgeachan bi mise maille riut; na biodh eagal ort oir tha mise maille riut, na biodh geilt ort oir is mise do Dhia.” Cha ’n eil cùram sam bith do na mhuinntir a thug iad fein suas ann an gleidheadh Chriosd, tha iad sàbhailte ann an gleidheadh a bhuachaille; cha ’n urrainn neach air bith an spionadh á laimh Chriosd. ’S briagha ni neach agus e fas aosda, agus e leigeil a thaic air Criosd; b’e so cleachdadh na h-eaglais; bha i a teachd a nuas o’n fhàsach an taice ri fear a gràidh. Tha dòchas agam gur ann mar so ’tha sibhse, le bhi ’cumail dlùth air Criosd anns am bheil ar tearuinteachd. Na bibhse a sealltainn air ur cridhe féin; cumaibh dlùth air broilleach a ghràidhse. “Cumaidh tu esan ann an sith iomlan aig am bheil inntinn suidichte ort, ’chionn gu ’n do chuir e a dhòchas annad.” ’S e Dia ionad fasgaidh a shluaigh, agus do bhrigh sin, tha iad sàbhailte o shaighdean an nàmhaid. Tha iad a gabhail fasgadh fo sgàile a sgiathan; tha iomadh ni cruaidh a’ coinneachadh riutha ann an so, agus iad gle thric air an tilgeadh sios, agus cha ’n urrainn iad urad agus an sùil a thogail suas, ach tha e féin a tighinn do ’n ionnsaidh le ’spiorad agus a toirt solas dhaibh. “Tarlaidh air tre feasgair gu ’m bi solus ann.” ’S iomadh uair a tha mi ’smaoineachadh oirbh uile, gu sonruichte air a phàirt agaibh a tha fathasd gu ’n Chriosd. O! gu de tha M—a dol a dheanamh ann a bhi cho fad a diùltadh a chridhe do Chriosd? Nam biodh fios aice cho mor ’s a tha i call an sonas do-labhairt. B’ fhearr leam aon mhionaid ann an co-chomunn ri Criosd, na sonas an t-saoghail so uile. Tha fios aig Dia gur iomadh comhairle a thug mi oirre cho math ri càch, agus gur iomadh uair a tha mi gleachd aig caithir nan gràs air a son. O! Thighearna, cia fad a cheileas tu do ghnùis orm. Cha ’n eil ni air bith eile a bheireadh a leithid de shòlas do m’ anam ri chluinntinn gun d’ thug si i féin suas do Chriosd. Cha ’n urrainn sinn neach air bith a tharruing a stigh, ach ’s urrainn sinn a bhi guidhe air air an son. “Gu dearbh dh’ éisd Dia rium, thug fanear guth m’ ùrnuigh ’Righ nan dùil.” Tha ’n t-àm agam a bhi tighinn gu co-dhùnadh; tha mi ’n dòchas gu ’m bheil sibh gu math; tha mise gle shlan o na thainig mi do Kingston. Cha ’n eil fhios agam c’àite ’m bi mi air an t-samhradh so tighinn; chuala mi gu robh iad a dol a chuir air mo shon do M—e. Ma ’s e agus gun dian iad sin uile—feudaidh gu ’m bi mi ann; cha ’n eil fhios agam fathasd—fosglaidh Dia àite dhomh; tha mi ’g iarraidh a bhi a fàgail mo chùisean ’na lamhansan. Tha dòchas agam gu’m bheil bliadhna mhath ùr agaibh uile; bithibh uile taingeil airson maitheas Dhé dhuibh, agus an sin bidh bliadhna mhath agaibh. Cumaibh dlùth air Calbhari; bithibh tric ann an Getsemani comhla ri Criosd. Sgriobhaidh M—ugam air ur son do Kingston. Beannachd an Tighearna leibh uile; gu robh e dlùth dhuibh a ghnath, agus gu robh e g’ ur neartachadh gu bhi sealltainn ris féin. Slan leibh. Mo bheannachd do m’ athair, gu D—agus gu M—. ’S mi ur mac gradhach, Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. SGEULACHDAN ARABIANACH. Na Tri Ubhlan. CAIB. VIII. Chaidh a’ bhean-shithe do’n t-seomar-chadail far an robh Bedredin agus a bhean ’n an cadal gu trom, agus thog i leatha Bedredin gun fhios gun fhaireachadh dha mar a bha e, sin ri radh, ’na leine ’s ’na dhrathais, agus dh’ fhalbh i fhein ’s am fathach leis le luaths do-labhairt, agus dh’ fhag iad e ’na shineadh aig geata Dhamascuis, ann an Siria. Rainig iad leis ann an soilleireachadh an latha, direach anns an am ’s an robh luchd-dreuchd na h-eaglais a’ toirt gairm do mhuinntir a’ bhaile gus a dhol gu urnuigh na maidne. An uair a dh’fhosgladh geata ’bhaile, thainig moran sluaigh am mach, agus bha ioghnadh gu leor orra an uair a chunnaic iad Bedredin ’na shineadh air an talamh ’s gun air ach a leine ’s a dhrathais. Thuirt neach dhiubh, “Bha am fear so ann an taigh anns nach robh gnothach aige bhith, agus thainig a’ chuis cho cabhagach air ’s nach d’ fhuair e uine air a chuid aodaich a chur uime.” “Seall sibhse,” arsa neach eile, “mar a ni daoine culaidh-bhruidhne dhiubh fhein. Cha ’n ’eil teagamh nach do chaith e a’ chuid bu mho dhe’n oidhche ag ol maille ri ’chairdean, gus an do ghabh e ’n daorach; agus an sin, is docha gu’n deachaidh e ’mach, agus an aite tilleadh, gu’n do thuit e ’na chadal.” Bha feadhain eile de chaochladh bharailean; ach cha b’ urrainn a h-aon sam bith dhiubh a dheanamh am mach cia mar a thachair dha bhith ’na shineadh an sid. An uair a chunnaic iad cho maiseach ’s a bha e, agus gu’n robh a chneas cho geal ris an t-sneachda, ghabh iad ioghnadh mor, agus leis a’ chath bruidhne a bh’ orra, dhuisg iad e. Ma bha ioghnadh orrasan air son esan fhaicinn anns an t-suidheachadh ’s an robh e, is ann a bha’n t-ioghnadh air-san an uair a fhuair e e-fhein aig geata baile anns nach robh e riamh roimhe, agus e air a chuartachadh le moran sluaigh a bha ’beachdachadh gu dur air. “A dhaoin’ uaisle,” ars’ esan, “innsibh dhomh c’ait am bheil mi, agus cia mar a thainig mi an so?” Labhar fear dhe’n chuideachd ris, agus thuirt e, “A dhuin’ oig, dh’fhosgladh geata ’bhaile o chionn tiotaidh, agus an uair a thainig sinn am mach, fhuair sinn thu’n ad shineadh anns an t-suidheachadh so, agus sheas sinn a dh’ amharc ort. An robh thu ’n ad shineadh an so fad na h-oidhche? Am bheil fhios agad gum bheil thu aig aon de gheatachan Dhamascuis?” “Aig aon de gheatachan Dhamascuis!” arsa Bedredin. “Feumaidh gur ann a’ fanaid orm a tha sibh. An uair a chaidh mi chadal an raoir, bha mi ann an Cairo.” An uair a thuirt e so, ghabh cuid dhe’n t-sluagh truas dheth, agus thuirt iad, “Nach muladach an gnothach gu ’m bhiodh duine cho maiseach ris an deis a dhol as a rian!” “A mhic,” arsa seann duine uasal ris, “cha ’n ’eil fhios agad ciod a tha thu ’g radh. Cia mar a tha e comasaca gu’m biodh tu ’s a mhaduinn so ann an Damascus ma chaidh thu chadal an raoir ann an Cairo?” “Tha e fior gu leor an deigh a h-uile car,” arsa Bedredin; “oir tha mi comasach air mo mhionnan a thabhairt gu ’n robh mi fad an latha ’n de ann am Balsora.” Cha bu luaithe ’labhair e na briathran so na thoisich an sluagh uile ri gaireachdaich, agus ri radh, “‘Cha ’n ’eil ann ach an t-amadan, tha’n caoch dearg air.” Ach bha truas aig cuid dhe’n t-sluagh ris, a chionn gu’n robh e ’na dhuin’ og maiseach; agus thuirt aon dhe na bha ’s a’ chuideachd ris, “A mhic, tha thu as do rian gun teagamh sam bith; cha ’n ’eil fhios agad ciod a tha thu ’g radh. Am bheil e comasach gu’m biodh duine a bha ’n de ann am Balsora, an raoir ann an Cairo, an diugh ann an Damascus? Feumaidh gu’m bheil thu fhathast ’n ad chadal. So so, duisg as do chadal.” “Tha h-uile facal a tha mi ’g radh fior gu leor, oir phos mi an raoir ann an Cairo,” arsa Bedredin. An uair a chual’ an sluagh so, thoisich iad a rithist ri gaireachdaich. “Smaoinich ort fhein,” ars’ am fear a labhair ris an toiseach; “cha’n ’eil teagamh nach do bhruadair thu sin, agus tha thu ’smaoineachadh gu’m bheil e uile fior.” “Tha fhios agam gur i an fhirinn a tha mi ’g radh,” arsa Bedredin. “Tha mi guidhe oirbh gu’n innis sibh dhomh cia mar a bha e comasach dhomh a dhol am bruadar do Chairo, far am bheil mi lan chinnteach gu’n robh mi an raoir, agus far an d’thugadh bean-na-bainnse seachd uairean ’n am lathair le trusgan ur oirre a h-uile uair. A bharrachd air sin, bu mhath leam fios fhaotainn ciod a dh’ eirich do ’n deise a bha umam, do’n chionadhar a bha ’m am cheann, agus do ’n phoca anns an robh an t-or a bh’ agam ann an Cairo.” Ged a thug e iomadh dearbhadh dhaibh gu’n robh na bha e ag innsaadh dhaibh fior gu leor, cha b’urrainn daibh gun a bhith gaireachdaich ris. Chuir a h-uile rud a bh’ann cho mor troimh a cheile e ’s nach robh fhìos aige ciod a theireadh e. Mu dheireadh dh’ eirich e gus a dhol a steach do’n bhaile, agus bha h-uile neach a lean e a’ glaodhaich, “Duine as a rian, amadan!” Bha feadhainn ag amharc am mach air na h-uinneagan, bha feadhainn ag amharc am mach air na dorsan, agus bha feadhainn eile ’falbh ’na dheigh comhladh ris a’ mhor chuideachd a lean a steach e air geata ’bhaile, agus bha iad a glaodhaich, “Duine as a rian!” ged nach robh fhios aca c’ar son. Air dha bhith ann an iomacheist mhoir leis mar a bha’n sluagh a’ falbh ’na dheigh chaidh e steach do bhuth fuineadair g’ a fhalach fhein o ’n t-sluagh. Bha’m fuineadair so aon uair ’na cheannard air buidhean robairean a bhiodh a’ spuinneadh luchd-turuis a bhiodh a’ dol troimh fhasaichean Arabia; agus ged a bha e ’fuireach ann an Damascus, agus ’g a ghluasad fhein iomchuidh gu leor, gidheadh bha eagal aig a h-uile duine roimhe. Air an aobhar sin, cho luath ’s a chaidh e ’mach far an robh na daoine a bha ’leantuinn Bhedredin, thug iad iad-fhein as leis an eagal a bh’ aca roimhe. An uair a thill am fuineadair a steach, dh’fheoraich e de Bhedredin co e, agus ciod a thug an sid e? Dh’innis Bedredin dha gu saor soilleir gach ni air am b’fhiosrach e mu thimchioll a bhreith is araich, agus mu thimchioll an t-suidheachaidh anns an robh na daoine o ’n d’ thainig e. ’Na dheigh sin dh’ innis e dha c’ar son a dh’fhalbh e a Balsora; cia mar, an deigh dha bhith ’na chadal air uaigh ’athar, a fhuair e e-fhein ann an Cairo, far an do phos e bean uasal; agus mu dheireadh, an t-uamhas mor a bh’ air an uair a fhuair e e-fhein ann an Damascus, agus gun fhios aige cia mar a thachair a leithid de dhriodartan dha. “Tha na dh’ innis thu dhomh anabarrach iongantach,” ars am fuineadair, “ach ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, cha leig thu ris iad do dhuine sam bith, ach feith gu foighidneach gus an cuir am Freasdal crioch air do mhi-fhortan. Faodaidh tu fuireach comhladh riumsa gus a sin; agus o nach ’eil clann agam, bidh tu agam mar mo mhac, mar bhios tu fhein deonach. Agus an deigh dhomhsa do ghabhail ugam mar mo mhac, faodaidh tu falbh air feadh a’ bhaile uair sam bith a thogras tu, agus cha chuir neach sam bith dragh ort. Ged a bha Bedredin air a bhreith ’s air arach ann an inbhe ro ard os cionn an fhuineadair ghabh e gu toileach an tairgse a thug am fuineadair dha, o’n a bha e ’creidsinn nach b’ urrainn da, anns an t-suidheachadh ’s an robh e, tairgse na b’ fhearr ’fhaotainn. Thug am fuineadair deise mhath aodaich dha, agus chaidh e leis far an robh sgriobhadair, agus ann an lathair fhianuisean chuir e ’lamh ri paipear, ag aideachadh gu’n robh e ’gabhail ris mar a mhac. ’Na dheigh sin dh’fhuirich Bedredin comhladh ris, agus dh’ ionnsaich e an fhuineadaireachd. Anns an am ’s an robh na nithean so a dh’ ainmicheadh a nis a’ dol air aghart ann an Damascus, dhuisg nighean Shemsedin, agus o nach robh Bedredin ’na laighe ’s an leabaidh comhladh rithe, shaoil i gu’n d’ eirich e gu socrach air eagal a dusgadh, ach bha i ’smaointean gu’n tigeadh e air ais gun dail. An uair a bha i mar so ’ga fheitheamh, thainig a h-athair gu dorus an t-seomair, agus e gle fharranach a chionn gu’n do chuir an righ masladh mor air a nighinn. Cha b’ [TD 35] [Vol. 7. No. 5. p. 3] ann gu failte chridheil a chur oirre a thainig e, ach gu teannadh ri bron ’s ri caoidh maille rithe. Ghairm e oirre air a h-ainm, agus o ’n a dh’ aithnich i a ghuth, ghrad dh’ eirich i, agus dh’fhosgail i an dorus. Thug i pog dha laimh, agus bha leithid a dh’ aoidh ’s a thoileachadh oirre ’s gu’n do ghabh a h-athair ioghnadh gu leor. Bha e ’n duil gur ann a gheibheadh e i gu tursach, deurach, trom-inntinneach. “A chreutair thruaigh,” ars’ esan, ’s coltas feirge air, “an e so suidheachadh anns am bheil thu? Cia mar is urrainn dut a bhith cho toilichte ’s a tha thu an deigh na tha thu air fhaotainn de mhasladh ’s de thamailt?” An uair a chunnaic i gu’n robh fearg air a h-athair a chionn i bhith cho aoidheil ’s cho toilichte, thuìrt i ris, “Am ainm Dhe, na bi ’g am chaineadh gun aobhar. Cha ’n e am fear crotach a phos mi idir; oir is lugha orm e na ’m bas. Bha h-uile duine a bha aig a’ phosadh a’ magadh air, agus thug iad air teicheadh air falbh. ’Na aite phos mi duine uasal og cho maiseach ’s a chunnaic suil riamh. “Ciod a tha ’toirt ort a bhith ’g innseadh leithid sin de naigheachd gun doigh dhomh?” arsa h-athair, ’s e ’labhairt rithe gu frionasach. “An e nach robh am fear crotach ’na laighe comhladh ruit fad na h-oidhche?” “Cha robh gu dearbh,” ars’ ise; “is e bh’ ann an duine og maiseach a dh’ ainmich mi. Tha suilean mora, briagh aige, agus malaidhean dubha.” An uair a chual a h-athair so, chaill e ’fhoighidin buileach glan, agus dh’ fhas e anabarrach cas. “Ah! a bhoirionnaich aingidh,” ars’ esan, “cuiridh tu as mo chiall mi! “Tha sibhse, ’athair air thuar mise a chur as mo chiall le bhur as-creideamh.” “Cha’n ’eil e fior, tha ’chuis coltach,” ars’ esan, “gu’n robh am fear crotach na laighe comhladh riut.” “Na cluinneam guth tuilleadh air an fhear chrotach,” ars’ ise; “mo mhollachd air! Am feumar a bhith ’ga thilgeadh orm gun fhois? Tha mise ’g innseadh dhuibh aon uair eile nach do laigh e idir comhladh rium, ach gur e laigh comhladh rium m’ fhear posda, gaoil, a tha ’n aiteiginn gun bhith fad air falbh.” (Ri leantuinn.) MAC IAIN SHROIN AN T-SHITHEIN. Air do na Caimbeulaich oighreachd Ardnamurchann a spìonadh le fòirneart o chloinn Iain, bha ceann-teaghlaich do ’n chinneadh sin, Raonull Glas, fear Shroin an t-Shithein, a chum a cheud fearainn aimsir an deathaidh d’a chàirdean gu leir géilleachdainn. Fadheoidh, chuireadh buidheann lionmhor, laidir gu cur as da. Fo dhubhar na h-oidhche, chuartaich iad an tigh. Bha ’n seann laoch gaisgeil ’na aonar, gun fhear-comhnuidh dluth dha, gun neach a b’ urrainn cuideachadh leis, ach a mhac, Raonull og, ’s gun esan ach coig bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha dorus air gach taobh do ’n tigh, agus chuir e ’mhac a dhion an doruis-chuil; ach cho luath ’s a dh’ fhàg ’athair e, thug an t-òganach a chasan as. ’N uair a chunnaic an gaisgeach neo-thiom-chridheach gu ’n d’ fhàgadh air a làimh fhéin e, mar a bha ’n ceard ’s a’ chaonnaig, smaointich e nach robh feum fuireach ni b’ fhaide; ach ged bu chruaidh e a bhi air fhogairt le ainneart bho làraich a shinnsear agus an tighe ’s an deachaidh ’àrach, ’s e ’chràidh a chridhe, gu ’n do threigeadh ’n a théinn le ’mhac e, mar ghealtaire nach b’ airidh air ainm nan treun bho ’n d’ thainig e. Ged a bha ’n tigh air a chuartachadh le naimhdean gamhlasach, ghlac e ’chruaidh-lann ’na dhorn, ’s a mach a bha e. Ghearr e ’rathad roi’ luchd mi-ruin, ’s thog e air do Mhùideart, gu Mac-Mhic-Ailein. Chaidh tri bliadhna seachad, ’s cha chual’ e ciod a thainig ri ’mhac, Raonull òg. Bha ’chridhe fo iomaguin mu dhéibhinn. Bha e ’crionadh mar dharaig aosda ’na aonar gun neach dluth dha a sheasadh ri ’ghualainn, a’ cuimhneachadh nan làithean a dh’ fhalbh—na laithean ’s an robh a chàirdean ’s a theaghlach mu ’thimchioll—’s an lasadh ’aigne le sòlas, a’ smaoineachadh gum faiceadh e ’n tra ’s an seasadh a mhac ’na aite, toillteannach air cliu agus onoir nan gaisgeach calm air an ainmicheadh e; ach mo chreach! bha atharrachadh air a’ chùis bho ’n uair sin—bha e nis gun chàirdean, gun teaghlach, gun fhearann, gun mhac. Bha a’ chùis mar so an uair a thainig Raonull Gallda a dh’ agairt a chòrach an aghaidh a bhràthar, Iain Mùideartach. Chruinnich Clann Raonuill as gach cearna gu Caisteal-Tioram, le lan rùn gu ’n seasadh iad le Iain Mùideartach “a dh’ aindeoin cò theireadh e.” Bha Raonull Glas ’s a’ chòmhail mar chàch, agus air teannadh dha ri dol fo armachd, thug e sùil mu ’n cuairt, agus chunnaic e òganach àillidh ’na sheasamh ri ’thaobh, a’ ceartachadh a chuid arm mar an ceudna. Chlisg a chridhe ’na chliabh air toirt an aire co bh’ ann. Air dhoibh dealachadh tri bliadhna roimhe sin, cha robh ’n a mhac ach glas-ghille. Bha e nis ’na lathair, air fas suas mar fhiùran gun mhearg; agus co ’n cridhe athar nach atadh le aoibhneas, nan tachradh dhoibh ’s an t-seasamh sin? Ach chuimhnich Raonull Glas air an oidhch’ a theich a mhac agus chum e air fhéin. Thug e ’n ath shùil air an òganach, agus thubhairt e—“’S coma leam fhìn an rud a bhiodh ann, armachd a’ ghill’ òig, ’s e ’teicheadh.” Tuillidh cha d’ thubhairt e, ’s ged a b’ fhuar an fhàilt i bho bhial ’athar, cha do ghabh an t-òganach air gu ’n cual’ e i. Thog Iain Mùideartach ’s a ghaisgich orra. Choinnich iad Raonull Gallda ’s na Frisealaich aig Ceann Roch-Lochaidh, far ’n do chuir iad an cath fuileachdach ris an curar Blàr Leithne. Thachair Raonull Galld’ agus Raonull Glas air a cheile ’s a’ chombstri; ach ged a b’ ainneamh air cùl claidheamh làmh bu tréine na Raonull Glas, bha Raonull Gallda ’faighinn buaidh air. Leonadh ’s a’ cheann e, agus theann e ri dol air ais: chunnaic a mhac, Raonull òg, mar a bha ’chuis, leum e far an robh iad. Agus thubhairt e—“’S coma leam fhìn an rud a bhiodh ann, ceum air ais an t-seann duine; ach so mar bu chòir a bhith, am mac a dhol an ionad an athar.” ’S an ionad ’athar chaidh e. Bu ghoirt a’ ghreis a thug na laoich; an làmh bu taise, bu deacair innseadh. Cha robh a’ mhiann air Raonull òg a nàmhaid a thorchairt; ach leònadh leis an fhear eile e, agus bha ’fhuil a taosgadh mu ’shùilean. Chunnaic e gu’m feumadh an dàrna fear tuiteam, agus le rùn gun cheilg, thubhairt e—“Cha bhi mi’m fhoìll dhut, a dhuine thall; tha do nàmhaid air do chùl.” Shaoil le Raonull Gallda gu’n robhas a’tighin a thaobh a chùil air, agus grad thionndaidh e mu’n cuairt; ach anns an tionndadh, chuir buille ’chlaidheamh Raonuill òig an ceann deth. Bhuannaich Clann-Raonuill an latha. Cha d’ fhagadh beò, de chòig-ceud Frisealach, neach a dh’innse sgeòil; agus de dhà cheud Raonullach cha robh beò ach am-fhear-déug, agus gach aon diu leòinte! Air an dol dachaidh do Mhùideart chuir iad seachad an oidhch’ ann an gleann Fhionnaghainn, far an d’thàinig an càirdean ’nan coinneamh. Bha gach fear ag innseadh nan gnìomh euchdach a rinneadh ’s a’bhlàr agus ri connsuchadh mu dhéibhinn cò ’mharbh Raonull Gallda. Bha Raonull Glas agus a mhac ’nan laidhe air seid an ceann uachdrach an tighe, ag éisdeachd ris na bha ri ràdhainn. “Eirich,” ars’ esan, “a mhic, agus cuir an tuath air an t-shamhuich cheart.” Dh’ éirich an gaisgeach, agus labhair e—“Togaibh dheth, fhearaibh; so an làmh a rinn an gniomh. ’S i so lann an uasail sgairteil, agus b’ fhearr leam dol a stigh air an dàrna ceann dhibh, agus a mach air a’ cheann eile, na’n claidheamh sin a thoirt as an làimh ’s an robh e mu’n àm so ’n dé.” Mo chreach! b’ fhèarr nach robh na leanas r’a ìnnseadh; an àit a’ chliù agus an urram a thoill e, ’s ann a ghabh iad fuath agus gamhlas ris. Ged nach robh a’ chridhe aca cur an céill gu folluiseach, smaointich iad, nan biodh làithean aig fear cho dàna ’s cho treubhach ris, gun tugadh e bàrr air a chinneadh gu léir. Cha bu Raonullach a bh’ ann, ach Iaineach, agus rinn iad suas cur as da. Thug iad air an lighiche bha ’leigheas a’ chréuchd an gnìomh oiltail so a thoirt gu crich, le dealg a sparradh ’na eanchainn troi ’n lot a bha ’na cheann. Mar so mharbhadh am flàth fearail; agus beagan làithean ’na dheigh, bhrist cridhe ’athair le bròn. Chuireadh dithis ’s an aon uaigh, ann an Eilean Fhianain, far an robh claigeann Raonuill òig r’ a fhaicinn, an eag a dh’ fhàg faobhar a’ chlaidheimh ’na cheann, agus an toll a rinn an dealg ann, gus bho cheann ro-ghoirid; agus ’s e mo bharail gu bheil e fhathast ’s an àite chéudna, mar chuimhneachan air gairgead sinnsridh na muinntir a tha nis gun choimeas le sìobhaltachd. Bu taingeil bu chòir dhoibh a bhi, gu’n deachaidh na làithean seachad anns nach biodh neach earbsach an àm laidhe, gum biodh a cheann air ’amhaich gu maduinn. Thainig mòr atharrachadh air ioma cèarna de’n t-saoghal bho’n uair sin, agus gun teagamh cha ’n i ’Ghaidhealtachd àite ’s lugha air an d’thàinig de mhuthadh. C. N. G. CREACH EADAR FHINEACHA GAIDHEALACH. O cheann còrr agus naoi fichead bliàdhna air ais, chaidh buidheann de chloinn Chamroin do Raineach, agus thog iad creach air fearann thighearna Shrùthain, agus ghiùlain iad leò gach màrt agus each, a bha air baile sònruichte ’na òighreachd. Anns a’ mhaduinn an uair a fhuaradh a mach gu’n do thogadh creach co mòr, chaidh Rob Bàn, mac an tuathanaich air an d’rinneadh an reubainn, air tòir chloinn-Chamroin a thug an spréidh air falbh. Bha Rob Bàn do Chloinn Donnuchaidh, agus glè chairdeach do’n uachdaran. Ged nach robh ann ach òganach nach d’ràinig a làn neart, gidheadh ghlac e a chlaidheamh, agus a thargaid, agus thog e mach an déigh luchd na creiche. Rug e orra air mullach beinne a ta eadar Raineach agus Lochabar, labhair e ri ceannard na buidhne agus dh’ iarr e air spréidh ’athar a thoirt da gu h-ealamh air ais! Dhiùltadh sin a dheanamh, le tàir air gaisge agus misneach an òganaich! An uair a chunnaic esan sin, ghlaodh e ri ceannard nan Camronach “Thig an so, fhir mo chridhe, agus biodh fios againn co e am fear as fheàrr dhinn.” Air da a bhi ’na nì eas-urramach a’ dhiùltadh, chaidh an Camronach, air leth o ’luchd-leanmhuinn, dh’ aithn e dhoibh gu’n làimh a ghabhail ’s an tuasaid, agus gun bhuntainn gu cruaidh ris a’ ghaisgeach òg, ged a bheireadh e a bhuaidh a mach airsan. Ré ùine, bha diàn-chomhrag eatorra, bha na claidhean air iomairt gu lùth-chleasach air gach taobh, bha na fir maraon ealanta, clis agus cruadalach, ach bha e seirbh ri faicinn nach robh Rob Bàn comusach air seasamh fad an aghaidh trom bhuillean an t-seann laoich! Dh’ fhàilnich a neart, agus bha e dìreach chum e féin a thoirt suas do’n Chamronach, an uair a fhuair e cothrom air gaisge deanamh, a chuir crioch urramach air an tuasaid. Sheas e air tolman beag, trid an d’ fhuair e beagan as ceann a nàmhaid, agus le ’uile neart bhuail e béum air a’ Chamronach, a chuir ’na shineadh e air an làr! Air do’n bhuidhinn so fhaicinn, las an corruich, dhùisg aileag an cléibh le tàmuilt agus àrdan, agus chuireadh iad as do’n òganach air ball, mur b’e gu’n tug iad an aire nach robh an ceannard (Air a leantuinn air taobh 38.) [TD 36] [Vol. 7. No. 5. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth, ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B. OGUST 26, 1898. CANADA ’US NA STAIDEAN. On thòisich an cogadh eadar na Stàidean agus an Spàinn, dh’ eirich cairdeas annasach do Chanada am measg nan daoine ’tha ’riaghladh cuisean cudthromach agus draghail na dùthcha ’tha mu dheas dinn. Tha daoine seolta, geur-inntinneach anns an Roinn-Eòrpa, ’creidsinn gu bheil cordadh uaigneach aig an àm so ’nasgadh Bhreatuinn agus nan Stàidean r’a chéile. Tha moran a tha co-ionnan ann an eachdraidh, ’s ann am beachdan ’us abhaistean nan daoine ’tha ’tuineachdadh anns na dùthchannan so. Ann an teas meadhoin gach ni ’tha measail, tapaidh, seasmhach agus cliuiteach ann an dichioll ’s ann an gniomhachadh nan Stàidean, chitear inntinn ’us gliocas nan Sasunnach, nan Albannach ’us nan Eirionnach mar an ceudna. On tha cead aig gach neach bochd ’us beartach, diblidh ’us uasal, a ghuth a thogail agus a thabhairt seachad ann an taghadh na Pàrlamaid, is abhaist doibhsan a tha deonach àite fhaotainn ann an cuirtean na rioghachd, a bhi ’fadadh suas naimhdeis nan Eirionnach an aghaidh Bhreatuinn agus a bhi ’g radh ann an òraidean ladarna, gu bheil Eirionn a’ fulang eucorach eagalach bho na Sasunnaich. Tha luchd-comhairle Bhreatuinn a’ nochdadh foighidinn ghasda ann an eisdeachd ris gach tair ’us tamailt a’s abhaist do chinn-feadhna cosmhuil ri Blaine, nach maireann, a bhi ’cur air Breatunn as leth nan Eirionnach, a chum gu faigh iad comhnadh ’us guthan na feadhnach so ann an latha mor ’us fuaimneach an taghaidh. B’ olc an airidh gu tagradh neach air bith ann am Pàrlamaid no am measg luchd-comhairle nan Stàidean, guth aineolach, amaideach an aghaidh Bhreatuinn agus an aghaidh gach beachd, ’us tlaths, ’us bàigh, ’us toinisg nam miltean a tha beusach, caoimhneil agus blath-chridheach anns gach cearna de na Stàidean fharsuing, fhoinnidh. Tha e soilleir gu bheil ughdarras anabarrach aig daoine co lionmhor agus co innleachdach ’s a tha ’tuineachadh anns na Stàidean. Agus am feadh a tha rioghachdan uaibhreach an t-saoghail a’ tabhairt le laimh laidir bho China, cuibhrionn an deigh cuibhrionn de na comhnardan, ’us na aimhnichean, ’us na puirt ’us lochan a bhuineadh dhi bho aimsir a tha ’nis aosmhor agus fad’ air chùl, gheibh China ’us rioghachdan eile nach ’eil fuasach garg no calm ann an dion an coirean ’us an saorsa fein, neart ’us faochadh. Ni cordadh treubhach, onorach eadar Breatunn agus na Stàidean, maith mor air feadh an t-saoghail as leth a’ cheartais ’us an ionracais. An uair a bhitheas Breatunn ’us na Stàidean a’ saoithreachadh le cheile ’s a togail an guth gu duineil, ceart an aghaidh gach cuilbheart ’us uilc, ni Ruisia, ’s an Fhraing, ’us a’ Ghearmailt air an athais ann an gniomharan eu-ceilidh a dheanamh, agus ann an dòighean carach, lùbagach a’ leantuinn. Tha sinn ann an Canada, MAC-TALLA ’s mi fein, gle thoilichte gu bheil luchd-comhairle nan Stàidean dian-iarrtuiseach air airgiod nan ron a phaigheadh a nis, no luach nan soithichean iasgaich air an d’ rinn longan nan Stàidean greim gu mi-laghail anns a’ chearna mu thuath de ’n chuan fharsuing, shamhach. Cha ’n ann idir gu toileach, uasal, a phaigh na Stàidean riamh roimhe airgiod air bith a bha mar fhiachaibh orra ’phaigheadh do Bhreatunn. Tha dream ann an Canada ’tha daonnan a’ glaodhach a mach airson malairt shaoir a bhi againn leis na Stàidean a tha ’n an dluth choimhearsnaich duinn re iomadh ceud mile. Tha so ’n a iarrtas àluinn, agus dheanadh e maith mor do Chanada nam bitheadh na Stàidean toileach air malairt shaor a thabhairt duinn. Is ann le greadhnachas nach ’eil idir gann no faoin, a tha sinn a nis a’ cluinntinn gu bheil anns an fhogharadh, cuideachd de dhaoine foghluimte ’s ard, ann an sealbh ’us ann an cumhachd, a’ dol a thachairt ann an Cuebec. Anns a’ chuideachd so bithidh am Morair Herschell, fear lagha iomraiteach, uasal ann am Breatunn; tri de luchd-riaghlaidh Chanada; agus, ma dh’ fhaoidte, tri de luchd-comhairle nan Stàidean a roghnuicheas an Ceann-suidhe Mac Fhionnlaidh. ’Nuair a thachras na daoine ard, uasal ann an Cuebec, bheir iad aire shonruichte, mhionaideach do iomadh ceist ’us gnothuch. Nitear oidheirp eudmhor, dhichiollach air a’ cheist fhuasgladh: “Am bheil e comasach malairt shaor a bhi eadar na Stàidean agus Canada?” An urrainn an da dhùthaich tighinn gu cordadh ceart le deoin an daoine, airson comas a thabhairt d’a cheile ’bhi ’giùlan a null agus a nall am malairt iomadaich a tha aca: an cruinneachd, ’s an coirce, ’s an eorna; an crodh, ’s an spreidh, ’s an each, ’us gach seorsa ni ’tha na muillnean againne a’ deasachadh agus a’ cur a mach agus a’ tairgseadh do neach air bith a’ cheannaicheas iad. Ni na daoine comasach a bhitheas cruinn ann an Cuebec, dichioll air dragh nan ron a leasachadh, agus air laghannan ’us reachdan a dhealbh a chuireas crioch air gach aimhreit ’us connsachadh a b’ abhaist a bhi ’s a tha fathast eadar iasgairean Chanada ’s nan Stàidean. Tha criochan fearainn r’ an reiteachadh eadar an da dhùthaich. Is ann do Ruisia ’bhuineadh Alasca mun do cheannaich na Stàidean an cearna iomallach so de mhor-roinn America. Tha sinn air feadh Chanada gu leir a’ gabhail beachd dhluth air Claondaic, agus air an doigh a’s fhearr agus a’s fhasa air slighe no rathad ’fhaotainn no ’dheanadh bho ’n fhairge gu tir iomraiteach agus bheartach an oir. Cha ’n ann le tlachd air bith a tha sinn a tuigsinn gu bheil na Stàidean ag agairt coir air cuibhrionn aimhleathan de ’n fhearann a tha ri taobh a’ chuain shamhaich agus air beul-thaobh na dùthcha air am bheil sealbh aig Canada. On tha na Stàidean a’ cumail a mach gu buin am fearann so doibhsan a reir a’ chordadh a bha eadar Ruisia agus Breatunn o cheann leth-cheud bliadhna, tha sinn air ar druideadh a mach, agus cha ’n ’eil comas againn air dol ann an slighe dhireach, neo-eisimeileach a dh’ ionnsuidh na fairge. Cha d’ fhuair sinn dioladh riamh airson gach lochd ’us call a thainig oirnn ann an Canada bho na Fenianaich. Cha tug sinn oilbheum riamh dhoibh, agus a reir lagh nan rioghachdan, tha e mar fhiachaibh air na Stàidean paigheadh a dheanamh airson gniomharan olc nan daoine iargalta ud, oir is anns na Stàidean a chuir iad am feachd an ordugh, agus bha luchd-riaghlaidh na Stàidean ciontach, on nach do chiosnaich iad air ball trusdairean truagha aig an robh iarrtas aingidh air cron fuileachdach a dheanamh oirnn, ged bha sinn fein agus na Stàidean ann a’ sith r’a cheile. Thainig an t-àm anns ann tig e do na Stàidean, air sgath gach lagh ’us ni ’tha ceart, urramach ’us onorach, an t-airgiod mor a thabhairt air ais, air nach robh comas aca air a phaigheadh a mach, airson gach call ’us losgaidh a rinn an long beag, tapaidh, mosach, an Alabama. Gu cinnteach fhuair gach neach d’ an d’ rinn an long so eucoir air bith, gach sgilinn a bhuineadh dha. Thugadh na Staidean air ais do Bhreatunn an da mhuillion punnd Sasunnach air nach b’ urrainn doibh feum ceart no cearr a dheanamh ann an gnothach cearbach, daor na h-Alabama. Chi MAC-TALLA ’s mi fein gu de ni na daoine arda, cumhachdach an uair a bhitheas iad cruinn ann an Cuebec. Tha dochas laidir againn co dhiu, gu bi cairdeas a’s modha ’s a’s fhearr eadar sinn fein agus na Stàidean ’na dheigh so, ’s gu bi sinn dileas le ’cheile do ’n fhirinn, ’us do ’n onoir, ’us do ’n ionracas a’s luachmhoire, a’s taitniche, a’s fhearr am measg nan uachdarain ’us nan iochdarain fo eiridh gu luidhe na gréine. CONA. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt. R. Mac Neill, Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B SANAS. Tha searbhanta mhath a dhith orm gun dail. Gheibh i deagh tharasdal. CAIPT. RUAIRIDH MACNEILL. Sidni, C. B., Ogust 11, 1898. [TD 37] [Vol. 7. No. 5. p. 5] NAIDHEACHDAN. Am bheil thu air son a’ Ghàilig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna. Bha stoirm mhor thàirneanach us dhealanach ann oidhche Di-luain. Chaidh an tigh aig Murchadh Mac Coinnich, aig na Forks, a bhualadh leis an dealanach, agus a mhilleadh gu dona, ach gu fortanach cha deachaidh duine de na bha stigh a ghoirteachadh, ged a chaidh an dealanach gle fhaisg orra. Thainig bàs cianail air seann duine d’am b’ ainm Uilleam Day, a mhuinntir Amhuinn Sheorais, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Am feadh a bha e ’g obair ann am pàirce, thug tarbh crosta an sas ann, agus bha e air a tholladh cho dona ’s nach robh e beò ach mu uair a thim. Tha soitheach cogaidh Frangach a stigh anns an acarsaid o chionn seachdain. Cha do thaghail na soithichean Frangach air an t-samhradh so cho tric ’sa b’ àbhaist dhaibh; bha moran dhiubh timchioll air Cuba, a faicinn nach biodh ana-ceartas sam bith air a thoirt do mhuinntir an dùthcha re a chogaidh. Bha side mhath feòir ann air an t-seachdain s’a chaidh, agus a cheud da latha dhe’n t-seachdain so, agus fhuaireadh neart mor dheth a chur fo dhion, ach thainig an t-uisge a rithist Di-ciaduin. Tha moran feòir a mach air feadh na dùthcha fhathast, ach tha dòchas gu’n tig leasachadh air an t-side a ni comasach do dhaoine a ghearradh ’sa chaoineachadh. Chaill an t-arm Geancach timchioll air Santiago, oifigeach air fhichead agus da cheud us cóig saighdear. Leònadh de na h-oifigich, tri fichead ’sa seachd deug, agus de na saighdearan, mu dha mhile ’s da cheud. A bharrachd orra so, tha ceithir fichead duine ’sa ceithir air chall. Anns na blàir a chuireadh ann an àiteachan eile cha do chaill an t-arm duine, ni a tha gle iongantach. Chaidh dnin’ og d’ am b’ ainm Gilleasbuig Mac Aoidh, a mhuinutir Loch Ainslie, a leònadh anns a’ bhlàr aig El Caney, faisg air Santiago, air an darna latha de dh’ Iulaidh, agus chaochail e maduinn an ath latha. Bha a bhràthair Eòghan ri thaobh an uair a thuit e, ach b’ fheudar dha fhàgail agus cumail roimhe, ni a thainig gle chruaidh aìr. Ghabh iad le chéile anns an arm ann am Boston beagan ùine ’n deigh do’n chogadh bristeadh a mach. Tha paìpear Bhaddeck, an Telephone, ag innse gu’n deachaidh fear Mac Aoidh a mhuinntir na h-Intervale Mhor, am Margaree, troimh dheuchainn air nach robh iarraidh aige air an t-seachdain roimh ’n t-seachdain s’a chaidh. Chaidh e mach do’n mhonadh a thogail campa a bhiodh aige air son sealgaireachd ’sa gheamhradh; thuit ceò trom air na beanntan an deigh dha falbh, cho trom ’s nach bu léir dha a ghrian, agus chaidh e air chall. Ach ged a chaidh, chum e air adhart, agus an ceann dha no tri lathaichean, thainig e mach air taobh an ear an eilean, aig bràighe na h-Aimhne Tuatha, air a shàrachadh gu mor, agus e gun ghreim, bidh ithe fad cheithir uairean fichead. Bha a chuid aodaich ’na shròicean, agus shaoil leis an t-sluagh gu’m bu thramp e, ’se sin gus ’n do thòisich e air bruidhinn na Gàilig; cha robh Gàilig aig na tramps riamh, agus tha sinn an dòchas nach bi. Rinneadh an sin a bheatha, agus fhuair e gach cuideachadh a bha dhith air. Chaidh e troimh ’n Ghleann Mhor toiseach na seachdain s’a chaidh, air an t-slighe dhachaidh, ’s aige ri cuairt ceud mile dheanamh. Bha e air son faighinn dhachaidh cho luath ’sa b’ urrainn dha, oir bha fhios aige gu robhas iomgaineach dha thaobh, agus gu robhas a’ siubhal nam monaidhean ’ga iarraidh. Tha gle fhaisg air muillean duine anns na Stàitean a’ faighinn peinsean; chaidh seachd mile deug ris an àireamh air a’ bhliadhna s’a chaidh. Tha còrr us tri bliadhn’ deug air fhichead o’n sguir an cogadh a dh’ aobharaich na peinseanan sin, agus bu nadurra gu ’m biodh àireamh na feadhnach a tha ’gam faighinn a’ fàs na bu lugha gach bliadhna; an àite sin ’s ann a tha iad a dol na’s lionmhoire gach latha. Thòisich na sgoiltean anns na sgireachdan dùthcha Di-luain s’a chaidh; cha tòisich iad anns na bailtean gu ceann seachdain no dha eile Tha sinn an dòchas nach bi na h-uirean de thaighean sgoile duinte air a bhliadhna so ’sa bha ann bliadhnaichean roimhe. Cha’n urrainnear luach tuilleadh us mór a chur air foghlum, agus is còir gach dichioll a dheanamh air sgoil mhath a thoirt do’n òigridh a tha fas suas; an ceann beagan bliadhnaichean bidh moran dhiubh os ceann aois sgoile, agus mur faigh iad sin sgoil an dràsda ’se ’s dòcha gu’m fas iad suas gun móran sgoil idir. Tha e muladach gu’m biodh clann a fas sùas gun sgoil, ach tha e fior gu bheal àiteachan ann anns am bheil iad a’ deanamh sin, ’s gun chothrom aca air a bhi air atharrachadh. Ach bidh sinn an dòchas gu’m bi na h-àiteachan anns am bheil a chùis mar sin a’ fas na’s gainne na h-uile bliadhna. IADSAN A’ PHAIGH. Iain Mac Amhlaidh, Southampton, Ont. Ailean R. Dòmhnullach, Albany, N. Y. Murchadh Mac Coinnich, Eilean Christmas. Iain S. Mac Nèill, Eilean Christmas. Uisdean Gillios, Eilean Christmas. A. U. Dùghlach, Eilean Christmas. Eachunn Mac Coinnich, Eilean Christmas. Eachunn D. R. Mac Neill Eilean Christmas. 25c. Iain C, Mac Neill, na Narrows Mhora. Murchadh Dòmhnullach, Alba. Pàdruig U. Dùghlach, Taobh an Locha. Aonghas Buchanan, Grand Lake. Seumas Patterson, Forks Shidni. Gilleasbuig Moireastan, Drochaid Mharion. A. F. Moireastan, Sidni Tuath. Oighrig Nic Aoidh, Beinn a Mhàrmoir. An t-Urr. Alasdair Ros, Hogomah. E. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhennis. Iain Mac Odrum, Sidni. Alasdair Mac-a-Phi, Loch Katrine, N. S. Alasdair Mac Amhlaidh, Waipu, New Zealand. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean-Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AM FLUR a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ($3.00) gu Ceithir us Tri Chairteil ($4.75). Is Flur math e cuideachd. ALASDAIR MARTUINN. SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. [TD 38] [Vol. 7. No. 5. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 35.) aca marbh, agus air an aobhar sin, shuidhich iad uile an ìnntinn air-san a leònadh, dh’ fheuchainn an gabhadh ni air bith deanamh air a shon! An uair a bha iad uile a’ crodhach mu thiomchioll a’ Chamronaich, thug Rob Bàn caochan beag air a bha ri thaobh, chum a chreuchdan ionnladh, agus air da bhi ’ga chromadh fèin sios gu ruigheachd air an uisge, chuir fear do na Camronaich gunna ri ’cheann, ach chumadh e o losgadh air, le companach eile, a thubhairt gu’m b’ fhearr doibh dail a chur ann an dìoghaltas a dheanamh gus am faiceadh iad am bu bheò dhàsan a thuit! Bha iad uile leigte ri so a dheanamh, ach rug iad air Rob Bàn, agus thug iad leò, e féin, agus an duine a leònadh, dh’ionnsuidh bothain a bha goirid o làimh, agus chuir iad Rob ’na shuidhe air fòid uaine ann an ceann shuas a ’bhothain, gus am faiceadh iad ciod a dh’ èireadh d’ an ceannard. Bha leaba luachrach air a càramh do’n duine leòinte ’s a ’cheann eile do’n tigh, agus bha a’ chuideachd féin a’ frithealadh dha le mòr dhurachd? Am feadh ’s a bha iad a’ deanamh so, chuir Rob Bàn cagar ann an cluais caileig a bha stigh, agus dh’iarr e oirre ’dol na deann-ruith dh’ ionnsuidh Rob Ruadh Mhic Griogair, a bha ’s an àm sin anns a’ choimhearsnachd, agus ìnnseadh dha, gu’n robh fear do chloinn Donnuchaidh ’na éiginn ann an leithid so a dh’ àite, agus nach bu mhiste leis esan fhaicinn gu h-ealamh. Rinn a’ chaileag a gnothuch gu dìleas, tapaidh, agus air do Rob Ruadh cabhag a dheanamh chaidh e féin agus a dhà ghille mhaol dheug a stigh do’n bhothan, air a mhionaid anns an robh an Camronach a’ toirt suas an deò! Chaidh MacGriogair am measg na buidhne, chual e mar a thachair, thubhairt e gur tubaisteach a dh’ èirich d’ an ceannard, agus dh’ fhalbh e mach, Rob Bàn aige air làimh! Cha robh a chridhe aig na Camronaich a ràdh gu’m b’ olc a rinneadh, ach bha farran agus càmpar nach bu bheag orra ’nuair a chunnaic iad Rob Bàn air a threorachadh air falbh ann an tearuinteachd le Rob Ruadh, gun chomas aca eadhon smuaineachadh air dioghaltas ’na lathair. Cha do dhealaich Mac Griogair ri Rob Bàn gus an d’ ràinig iad Raineach, agus air dha a bhi an sin ann an dùthaich ’fhir-cinnidh féin, dh’ àithn Rob Ruadh dha, beannachd a thoirt uaith-san doThighearna Shrùthain, agus e bhi cinnteach nach fhaigheadh na Camronaich a Maoidh tuilleadh greim air. An déigh sin bha Rob Bàn a mach air Sliabh-an-t-siorram, agus ann am bliàdhna Thearlaich, phòs e, bha teaghlach trom aige, agus ràinig e ro-shean aòis! Ach bha eagal nan Camronach, am fine gaisgeil sin, co mòr air, ’s nach deachaidh e riamh d’ a leabaidh gun airm a bhi m’ a chluaisaig; agus cha chual e riamh dorus ’ga fhosgladh gu h-ealamh, gun a bhiodag a bhi air a tarruing, gus am faiceadh e có a bha teachd! Mar so chuireadh as do cheannard na creiche, agus mar so theasairgeadh Rob Bàn o bhàs cìnnteach, leis an treunlaoch Rob Ruadh Mac Griogair, aig nach robh comieas ’na là agus ’na linn féin, air son tréubhantais, neirt, agus tàbhachd; agus mu thimchioll am féudar a ràdh-gum. “Bu bhàs nàimh teachd dha ’m fagus. Oir bu mhìllteach a lasan sa’ chòig!” —C. N. G., ’sa Highland News. THE ANCIENT PEDIGREE. LE DONULL MAC CALUM. Bha an t-Urramach Edmund Hectorson, ministeir Bharanribidh, na shearmonaiche ainmeil os ceann mhòran. Cha’n fhaod mi innseadh a t-asdar a ruigeadh paipearan nan gairm a fhuair e, air eagal ’s leis an ionadh a bhios ort dheth nach creid thu càil idir de’n eachdraidh fhirìnneach so. Thàinig Maisteir Edmund, a’ thaobh a’ mhàthar, o uachdaran fearainn, agus air a’ shon sin, bha e na dhuine pròiseil, g’a chunntas féin na b’ fhèrr na choimhearsnaich, agus a sealltuinn a’ sìos air “gràisg,” mar theireadh e féin, “aig nach robh ‘pedigree.’” Bha a’ bhean na boirionnach deanadach, curamach, ceart. Air slait de’n “phedigree” bu shinne ’bhair an t-saoghal cha tugadh i aon fhòirloinn. Thug i bòid na h-òigh, a bhi i ’g ath-nuadhachadh gach bliadhna, nach gabhadh i ni, gu bràth, o neach ’s am bith, a’ nasgaidh, air eagal gu’n saoileadh neach gu’m biodh comain aig orra. Luach prìne beag cha do ghabh i riamh air dàil. Air eagal ’s gu’m faodadh dùil a bhi aice ri tìodhlacan uapa, cha tug i ainm duine bhuineadh dith air aon d’a cloinn. ’S i aon nighean a bh’aice agus thug i Abelìna urra. Dh’ fhàs Abelina na boireannach cho bòidheach, cho ciùin, ’s cho stòlda ’s air an tug thu buille de d’ shùil. Do fhear aig nach biodh seana ‘phedigree’ cha tugadh a’ t-athair i. Do fhear aig nach biodh stòras mòr cha tugadh a’ màthair i. Ach ’s ann a bha ’s chrannchur gu ’n do ghabh a’ nighean agus saor, a’ thàinig air chuirt do Bharanribidh, gaol air a’ chéile. Agus aig a’ ghille so, Cailein Mac Leòid, cha robh aon chuid seanna ‘phedigree’ no stòras mòr. ’N uair a chaidh Cailein a dh’ iarraidh Abelìna air a’ pàrantan so mar thuirt a’ chailleach—“You must know, sir, that our daughter has been accustomed to luxuries, fineries, and leisure all her days, such as she cannot expect as a tradesmam’s wife.” “And,” deir am bodach, “You must also know, sir, that she is the proud possessor of such an ancient pedigree as would make her union with a common plebian ridiculous. Therefore we respectfully decline to accept of yon as a son-in-law.” “And,” deir a chailleach, “we peremptorily forbid her to have further communication with you.” Do bhrìgh nach i ‘novel,’ ach an tul fhìrinn, tha ’s an eachdraidh so, feumaidh mi aideachadh, ged a bha gràdh mòr aig na leannain so air a’ cheile, gu’n d’ fhuair an ‘heroine’ thairis air a ghaol a thug i mar gheibheadh tu, le deadh aire, thairis air droch fhuachd. An ceann beagan làithean bha i comasach air an litir so, aig deachadh a’ h-athar, a sgrìobhadh ’s a cur thun an hero—“Dear Sir, seeing that dear papa having set his heart on an ancient pedigree, and that dear mamma, having set her heart on great riches, both forbid our union, we must, with a good grace, submit to be parted.—Yours, etc., Abelina Hectorson.” Cha robh an ùine fada gus an d’ fhuair Abelina leanan eile, fear a chòrd ri pàrantan, an duin’ uasal aig an robh seilg Bharanribidh air a’ bhliadhna sin, Lord Adamson, aig an robh pedigree cho aosda ’s gu’n robh e ruigeachd a sìos gus a’ chiad duine bh’ air thalamh riamh, agus a bha cho beartach ri Crésus. Fhuair Lord Adamson le deadh-ghean a’ h-athar ’s a’ mathar, gealladh pòsaidh air Abelìna. ’N uair a’ chual an Diùc agus a Bhàn-diùc an té bha a’ mac, an Triath Adamson, dol a phòsadh, chaidh an dearg chuthach orra. Thuirt am bodach, an diùc, na’m pòsadh a mhac, an Triath Adamson, té ’s am bith cho ìosal ann an inbh ri nighean ministeir gu’n gearradh e ainm as a thiomandh le aon tasdan. Thuirt a chailleach, a bhan-diùc, mar briseadh e ’n gealladh posaidh ud nach bruidhneadh i gu bràth ris. Dh’ fhuaraich siod an gaol thug Lord Adamson do Abelìna cho mor ’s gun robh e comasach air an litir so, an ceann beagan làithean a chuir thuice—“Dear Madam, in consideration of the distance between the social circles in which you and I move, I think it best we should break our rash engagement. Can the mountain eagal mate with the street sparrow? His Grace, wy father, will pay you reasonable damages.—Yours, etc, Lord Adamson. An Tuathanach agus am Madadh. Chaidh tuathanaich air là àraidh a mach do’n achadh a chàramh beàrn ann am balladh; agus air dha pilltinn fhuair e a’ chreadhal ’s an d’ fhàg e a leanabh ’na chadul air a tilgeadh bun os ceann, an t-eudach a bha mu’n cuairt da reubtadh agus dearg le fuil, agus am madadh a bha gleidheadh an tighe ’na luidhe làimh ris a’ chreadhail agus a cheann còmhdaichte le fuil mar an ceudna. Smuainich an tuathanach gu’n do mharbh am madadh an leanabh, agus ’n a chorruich thog e tuadh a bha ’n a làimh agus chuir e an t-eachainn as. Ach air dha a’ chreadal a thionndadh fhuair e an leanabh slàn beò, agus nathair mhòr ’na luidhe air an urlar, a mharbh am madadh ’nuair thug i oidhearp air streapadh ris a’ chreadhail. Chunnaic an tuathanach a nis amaideachd a dheanadais; thug e fuinear gu’n do theasairg am madadh dìleas agus tairis beatha an leinibh, agus gu’m b’e a dhleasannas bhi ro thaingeil da, an àit ’a chur gu bàs ann an corruich agus ann am fraoch feirge. Tha an sgeul so a teagasg dhuinn gu bheil esan a ta toirt sréin d’ a chorruich an còmhnuidh buailteach do mhearachd, agus gu bheil e ealamh air an ni sin a dheanamh a chuireas campar air an déigh làimh. Beatha Prionnsa Bismarc. Dh’fhag am Prionnsa Bismarc eachdraidh a bheatha sgriobhte, agus chuir e na sgriobhaidhean do Bhanca Shasuinn gu bhi air an gleidheadh gus an deigh a bhàis. Tha e coltach nach robh earbsa sam bith aige á muinntir a dhùthcha féin, no co dhiu as an luchd-riaghlaidh, agus gu robh eagal air na’n cuireadh e na sgriobhaidhean an gleidheadh an àite sam bith anns a’ Ghearmailt nach biodh iad sàbhailte; gu’m faodadh iad tuiteam an làmhan an Impire no a luchd comhairle, agus nach biodh a bheatha-san an deigh sin sàbhailte. Air an aobhar sin chuir e nall do Bhreatuinn iad. Cha’n eil e air innse fhathast cuin a bhios an leabhar air a chur an clò, ach g’e b’e cuin a thig e, bidh e ’na leabhar luachmhor. Bha Bismarc ’na sheirbheiseach dileas do’n Ghearmailt agus do’n teaghlach rioghail; cha bhiodh iad an diugh ann an inbhe cho àrd ’sa tha iad mur biodh esan; ach b’ olc a dhuaisnich iad e air son a shaothair, agus ’s beag an t-ioghnadh, an deigh gach tàmailt a thug iad dha, ged nach earbadh e eachdraidh a bheatha no ni sam bith eile riutha. Cumhachd Bhreatuinn. An uair a bha luingeas-chogaidh nan Stàitean agus na ceannairich nàisinneach a’ cur seisd ri Manilla, ceanna-bhaile nan Eileanan Philipeach, bha a chuid bu mhotha de na coigrich a bha tàmh anns a’ bhaile ’gan cur féin fo dhion Bhreatunn. Cha robh duine anns a’ bhaile a b’ urrainn bratach Bhreatunnach a thàrradh air dòigh sam bith nach robh ’ga crochadh ri crann, agus fhios aige nach deante eucoir air le muinntir dùthcha sam bith fhad ’sa bhiodh e fo shuaicheantas Bhreatunn. Bha na h-uiread de na brataichean sin a mach ’s gu’n saoileadh neach gur ann a’ cumail latha-breth na Ban-righ’nn a bha muinntir a bhaile! Cha robh aig Breatunn anns an acarsaid, aig an àm, ach aon soitheach cogaidh, agus bha cheud de mhnathan ’s de chloinn Spàinnteach air bord aice. Bha àireamh mhor de shoithichean-cogaidh na Gearmailte a làthair, ach cha robh ach gann bratach Gearmailteach ri faicinn anns a bhaile. ’S ann a Breatunn a bha iad uile ’g earbsa. Bhuail da charbad-iaruinn na chéile faisg air Boston la na Sàbaid s’a chaidh, agus bha còrr us da fhichead air am marbhadh. [TD 39] [Vol. 7. No. 5. p. 7] FACAL A HAMILTON. A MHIC-TALLA CHOIR,—Air an t-Sàbaid s’a chaidh thug an t-Urr. Seoras Mac Artair, á Cardinal, Ont., searmon briagha Gàilig dhuinn anns a’ bhaile so, agus coithional math de na Gàidheil ’ga éisdeachd. Is tric leinn searmoin Ghàilig a bhi againn, agus tha sin a’ cumail sliochd nam beann na ’s dlùithe dh’ a chéile na bhitheadh iad as an aonais. A bharrachd air Mr. Mac Artair, bidh na ministearan a leanas o àm gu àm a’ searmonachadh dhuinn le mor thaitneas, ann an cainnt bhlasda ar n-athraichean: an t-Urr. Padruig Mac Eachuinn, Waterdown; an t-Urr. Alasdair Friseal, Gleann-comhann; agus an t-Urr. Gustabhus Rothach, Harristown. DUGHALL. Hamilton, Ont., Ogust 15, ’98. Am Feillire. OGUST, 1898. 1 Di-luain An Liunasdal. 2 Di-mairt Blar Bhlenheim, 1704. 3 Di-ciaduin Crunadh Seumas III, 1460. 4 Dior-daoin (3) Ceud thurus Cholumbuis, 1492 5 Di-haoine Bas Roib Dhuinn, 1778 6 Di-satharna (5) Blar Ghruinneart, 1598. 7 DI-DONAICH 9mh Domhnaich na Trianaid 8 Di-luain Bas Dheorsa Channing, 1827 9 Di-mairt 10 Di-ciaduin 11 Dior-daoin Blar Dhailrigh, 1309. 12 Di-haoine Breth Deorsa IV, 1762. 13 Di-satharna Bacadh deise Ghaelich, 1746 14 DI-DONAICH 10mh Dòmhnaich na Trianaid 15 Di-luain Breth Bhoniparte, 1769. 16 Di-mairt Fad an latha, 13 u. 50 m. 17 Di-ciaduin 18 Dior-daoin Blar Phreston, 1649. 19 Di-haoine Bliadhna Thearlaich, 1745. 20 Di-satharna 21 DI-DONAICH 11mh Dònaich na Trianaid. 22 Di-luain Blar Dhunchaillinn, 1669. 23 Di-mairt Bas Uilleim Uallais, 1305. 24 Di-ciaduin Feill Bhartolomeis. 25 Dior-daoin Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-haoine Blar Chrecy, 1346. 27 Di-satharna 28 DI-DONAICH 12mh Dònaich na Trianaid 29 Di-luain Blar Loch Aillse, 1722. 30 Di-mairt Bas Chardinail Iorc, 1807. 31 Di-ciaduin Fad an latha, 13 u. 6 m. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Lan, L. 2, U. 0, M. 15 M. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 9, U. 1, M. 59 M. An Solus Ur, L. 17, U. 6, M. 20 M. A’ Cheud Cheathramh, L. 24, U. 4, M. 18 F. An Solus Lan, L. 31, U. 8, M. 37 M. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIGH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 40] [Vol. 7. No. 5. p. 8] Faill ill o ro; Faill ill O. SEISD.— Faill ill o ro, faill ill o, Faill ill o ro eile, Hi rithill uithill agus o, ’S na thugaibh ho ro eile. Gur mise tha trom, airtneulach ’S a’ mhadainn a’s mi ’g eirigh; Tha ghaoth an ear a’ gobachadh ’S cha ’n i mo thogairt fhein i. Tha ghaoth an ear a’ gobachadh, ’S cha ’n i mo thogairt fhein i; ’S i ghaoth an iar a b’ aite leinn, A’s lasan oirre ’g eirigh. ’S i ghaoth an iar a b’ aite leinn, A’s lasan oirre ’g eirigh; Gu ’n tigeadh oirnn am bata D’ am b’ abhaist a bhi treubhach. Gu ’n tigeadh oirnn am bata D’ am b’ abhaist a bhi treubhach; Uachdaran na tir’ oirre— Mo dhith ma dh’ eireas beud da! Uachdaran na tir’ oirre— Mo dhith ma dh’ eireas beud da! Uachdaran na duthch’ innte— Gu bheil mo dhurachd fein leis. Uachdaran na duthch’ innte— Gu bheil mo dhurachd fein leis; Hi ri gu ’m b’ ait leam fallain thu, Ad chaisteal ann an Sleibhte! Hi ri gu ’m b’ ait leam fallain thu, Ad chaisteal ann an Sleibhte! Far am bi na fidhleirean, ’S na pioban ann ga ’n gleusadh. Far am bi na fidhleirean, ’S na pioban ann ga ’n gleusadh; A’s far am bi na gillean og Is boidhche theid fo ’n eideadh. A’s far am bi na gillean og Is boidhche theid fo ’n eideadh; Far am bi na h-ighneagan, (Bu bhinn leam bhi gu ’n eisdeachd!) Far am bi na h-ighneagan, (Bu bhinn leam bhi gu ’n eisdeachd!) Is boidhche theid air urlar An am a’ chiuil a ghleusadh. Is boidhche theid air urlar An am a’ chiuil a ghleusadh; Is iomadh oigear furanach, Cruaidh, fulangach le feile. Is iomadh oigear furanach, Cruaidh, fulangach le feile, A dh’ eireadh leat, a Dhonuill, Na ’n d’ rachadh toir air Seumas. A dh’ eireadh leat, a Dhonuill, Na ’n d’ rachadh toir air Seumas; Dh’ eireadh Mac-Mhic-Alasdair ’S Gleann-garaidh leat le cheile. Dh’ eireadh Mac-Mhic-Alasdair ’S Gleann-garaidh leat le cheile; A’s dh’ fhagainn-sa mo dhuthaich Air chumhnant a bhi reidh riut. A’s dh’ fhagainn-sa mo dhuthaich Air chumhnant a bhi reidh riut; Bheirinn sgriob a Lunnainn leat Na ’m biodh mo thuras reidh dhomh. Bheirinn sgriob a Lunnainn leat Na ’m biodh mo thuras reidh dhomh; Ach ’s mise tha gu muladach, Air m’ uilinn, a’s mi ’g eirigh. Oran Gaoil. LE DONNACHADH BAN MAC-AN-T-SAOIR. Air Fonn:—“The Reel of Bogie.” A Mhairi bhan gur barrail thu, ’S gur barraicht’ air gach seol thu, O’n thug mi gaol cho daingean duit, ’S mi t’ fharraid anns gach codhail: ’S earbsach mi a’d’ cheanaltas, ’S na fhuair mi chean’ ad’ chomhradh, Nach urrainn cach do mhealladh uam ’N deis do gheallaidh dhomhsa. ’S chuala mi mar shean-fhacal Mu ’n darach, gur fiodh corr e, ’S gur geinn’ dheth fhein ’ga theannachadh A spealtadh e ’na ordaibh: ’S mi ’n duil, a reir na h-ealaidh sin, Gur math leat mi bhi d’ sheorsa, Nach treig thu mi, ’s gu ’m faigh mi thu Le bannaibh daingean, posta. ’S e chum an raoir mi m’ aithreachadh An speis a ghabh mi og dhiot; Bha smaointean tric air m’ aire-sa Mu ’n ainnir is fhearr foghlum; Cha ’n eil cron r’a aireamh ort, O’ d’ bharr gu sail do bhroige, Ach ciallach, fialaidh, fabharach, Air fiamh a ghaire ’n comhnaidh. ’S do chul daithte lan-mhaiseach Mu ’n cuairt a’d’ bhraighe ’n ordugh, Air sniamh mar theudan clarsaiche, ’Na fhaineachaibh glan nosar: Gu lidh-dhonn, pleatach, sar-chleachdach, Gu dosach, fasmhor, domhail, Gu lubach, dualach, bachlach, guairsgeach, Snasmhor, cauchach, or-bhuidh’. Tha t’ aghaidh narach bhanail, Da chaol mhala mar it eoin ort; Rosga reidhe, fallaine, ’S da shuil ghorm, mheallach, mhothar: Do ghruaidh mar chaorann meangain, A thug barrachd air na rosan; Do dheud geal, dreachmhor, meachair, grinn, ’S do bheul o’m binn thig oran. Tha do phog mar ubhlan garaidh, ’S tha do bhraighe mar an neoinean; Do chiochan liontach, mulanach, ’S an siod’ g’an cumail comhnard: Corp seang, geal, gneathail, furanach, Deagh chumachdail, neo-sporsail; Do chalpa cruinne, lughora, ’S an troigh nach lub am feoirnean. ’S e ’m fath mu ’n biodh tu talach orm, Gur ro-bheag leat mo storas; Bha da-rud-bheag a’ tarruinn uam Na thional mi do phorsan: Bhiodh ol, a’s feisd, a’s bannais ann; Bha ceol, a’s beus, a’s ceannaichean, ’N fheill, ’s na gibhtean leannanachd, An amaideachd ’san oige. ’S a nis’ nam faighinn mar rium thu, Cha leanainn air an t-seol sin; Dheanainn aiteach fearainn, A’s crodh-bainne chur mo chro dhuit; Mharbhainn iasg na mara dhuit, ’S am fiagh sa’ bhealach cheothar, Le gunna caol nach mearachdaich, ’S a mhealladh fear na croice. ’S mor an gaol a ghabh mi ort Le ro bheagan a t’ eolas, ’S mi ’n duil gur tu bu leannan dhomh, ’S nach mealladh tu mi m’ dhochas: Ge d’ bhiodh am bas an caramh domh, Gun bharail ri tigh’n beo uaith, ’S e dh’ fhagadh slan mi ’n ribhinn mhalda, Mairi bhan o Loch-lairig. Feasgar Oirdhearc. EADAR. LE FIONN. Gur mear na cuileagan mu ’n allt, ’S an dealt a’ tuiteam dluth; ’Chearc-thomain anns an luachair uain’ Ri fuaim ’s an fheasgar chiuin. Nach cluinn thu oran an loin-duibh ’Sa ghuth cho boidheach, binn; Mu ’n tur tha ’n gobhlan-gaoithe clis Ag itealaich gu grinn. Fo bhrat nan speur th’ air dhath an oir, Tha ’n smeorach aig a dan; ’S am bruth-deargan le cheilear ard, ’Cur dail’ ’an ciaradh la. Tha ’bhuidheag bhochd a’ caoidh ’s a gheig A h-al a reub luchd-foill; ’S an dreathan-donn o phreas gu preas, Ri cleasachd anns a’ choill. ’Nis dhuin an ros a bhilean min, Chrom lus-bhan-sith a cheann; Tha lus-na-meala ’s beithe ur Cur faile cubhr’ ’s a’ ghleann. Roghnaicheadh cach an luchairt mhor Le ’goraiche ’s mi-cheill, ’S e m’ annsachd fein gach gean gun gho Tha ’n gloir a chruinne-che. BAS. Ann a Waipu, New Zealand, air an 29mh de ’n Og-mhios, 1898, agus anns an 71mh bliadhna de a h-aois: Caorsti, bean ghradhach Mhurachaidh B. Mhic Coinnich, agus nighean bu shine Mhurchaidh Mhic Amhlaidh, nach maireann, an Ceann-a-Chobh, am Baddeck, C. B. Dh’ fhag i companach, coignear mhac agus aon nighean, a caoidh a chall nach gabh leasachadh s an t-saoghal so. “Air siubhal, ach air chuimhne.” —Ann an St. Ann’s, air a 14mh latha de dh’ Ogust, bean Ruairidh Mhic Philip, leth-cheud bliadhna ’sa sia a dh’ aois, a fagail a fear-posda, aon mhac agus seachd nigheanan a chaoidh an call. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $4.00 Sia miosan, 2.00 Tri miosan, 1.00 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. C. H. HARRINGTON & CO. NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOIR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. [TD 41] [Vol. 7. No. 6. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 2, 1898. No. 6. EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH. Braidalbainn. Rugadh Iain Glas Braidalbainn, mar chaidh ainmeachadh, anns a bhliadhna 1635. ’Nuair ’thainig e gu fearachas neo-’r-thaing nach robh e trang ann an cùisean an riaghlaidh. Bha e pòsda ri nighean Iarla Chataoibh, agus thug esan dha còir air an oighreachd aige an latha bu bhàs da fein. Fhuair Iain Glas mar sin an tiodal Iarla Chataobh, anns a bhliadhna 1677; ach fhuaireadh a mach nach buineadh an tiodal sin gu laghail da, agus uime sin fhuair e o’n chrùn a bhi na Iarla Braidalbainn. Fhuair e sin anns a bhliadhna 1681. B’ esan coigeamh Baran Ghlinn-Urchaidh, agus ceud Iarla Braidalbainn. Bha Iain Glas ’na dhuine seòlta agus geur-thuigseach. ’S ann gle ainmig a dheanadh e mearachd ann an ni sam bith anns an cuireadh e ’làmh, agus do bhrigh sin bha sluagh dorcha na dùthcha ’creidsinn gu ’n robh buidseachd aige. Air an aobhar sin cha chuireadh iad diumb air, ’s cha mho dhiultadh iad rud sam bith dha. Bha seòrsa de shaobh-chreidimh am measg a chuid daoine gu ’m b’ urrainn da an gleidheadh bho gach cunnart. Bha ’n sgeul a leanas air aithris mar dhearbhadh air so am measg mhuinntir Braidalbainn. Bha fearg air Iain Glas ris an Iarla Chatach, agus chuir e roimhe creach a thogail uaithe. Thug e òrdugh do ’chuid dhaoine a bhi cruinn air latha àraid aig Fionnlairig. Chruinnich na fir bho gach gleann mar a dh’ iarradh orra. An sin ghabh an t-Iarla dòigh air na daoine ’bu thapaidhe a thaghadh airson na seirbhis a bha ’na bheachd. Chaidh breacan a chrochadh eadar dithis dhiubh gus an robh an oir a beantainn do ’n làr. Gach fear a leumadh thairis air a bhreacan mar so fo làn armachd, chuireadh air leth e airson dol do Chataobh. Leum tri cheud fear thairis air a bhreacan; agus an sin dh’ òrdaich Iain Glas biadh a chur air beulaobh nam fear mu ’n gabhadh iad an turus. Am measg nam biadh bha mios bhrochain, agus chaidh iarraidh air gach neach òl aisde. Thuig na daoine gu ’n do chuir e giseagan anns a bhrochan, agus dh’ ol iad an sath dheth. Chaidh iad air an turus. Thug iad creach mhor leo bho na Cataich, gun aon duine chall. ’Nuair a bha iad a’ pilltinn dachaidh dh’ fhas fear de na fir gu tinn us dh’ eug e. Cha do ghabh an duine so de ’n mheis bhrochain mu ’n d’ fhalbh iad, oir bha e aig an tigh a’ toirt leis ni-eigin a dhi-chuimhnich e. Le so bha càch an làn bharail gur h-i a’ bhuaidh a bha ’s a’ bhrochan a chum iadsan bho gach olc us aimhleas. Bha Iain Glas mu ’n cuairt air ceithir fichead bliadhna ann an 1715, ’nuair chuireadh blàr Sliamh-an-t-Siorram; ach cha do chum sin e gu ’n làmh a bhi aige anns an stri a bh’ ann. Bha e ’na Sheumasach làidir. Chuir e cóig ceud de ’luchd-leanmhuinn a chogadh fo Iarla Mhàr aig an àm ud, agus a mhac bu shine, Donnachadh Ormali, air an ceann. Mur biodh aois mhor an sean laoich, bha chuid fearann a dhith air, air taileimh na carachd ud. Dh’ eug e air an ath bhliadhna, 1716. Bha dithis mhac aige: Donnachadh Triath Ormali, agus Iain. ’Se Iain, an dara mac, a fhuair oighreachd Bhraidalbainn. ’S ann ri linn a cheud Iarla a ghabh mort Ghleann Comhann àite. Thainig Prionnsa Uilleam air tir an Sasunn air a choigeamh latha de Nobhember, 1688. Thuit Dundee an Coille-chragaidh, air an t-seachdamh latha fichead de Iulaidh, 1689. Thug so am misneach o luchd-leanmhuinn Righ Seumas. Air an ath bhliadhna thug an riaghladh suim mhor airgeid do Iain Glas air son a thoirt do na cinn-fheadhna Gaidhealach, air chumha gu ’n gealladh iad a bhi dileas do Righ Uilleam. Cha d’ thainig iad gu còrdadh air bith, oir bha amharus aig na cinn-fheadhna gu ’n robh Braidalbainn a’ cumail cus do ’n airgead ’na laimh fhéin. Chaidh e fhein ’s Mac Iain Ghlinn Comhann faclan searbha mach air a cheile a thaobh na cùis so. Air an ath bhliadhna 1691, chuir an riaghladh gairm a mach a’ tairgse maitheanas do na h-uile neach aig an robh pairt ann an ar-amach Dhundee, air chumha gu ’m mionnaichadh iad a bhi dileas do Uilleam ’us Màiri, na ’n deanadh iad sin roimh chrioch na bliadhna sin. Rinn na h-uile aon diu sin, ach Mac Iain Ghlinn Comhann. Ach air an siathamh latha de ’n bhliadhna uir thug e na mionnan a bha air iarraidh. Chaidh na mionnan a chur a Dhuneideann, a dh’ ionnsaidh na Comhairle, ach chum Iain Dalrimple, dearg nàmhaid nan Gàidheal, an ni sin am falach, agus cha d’ thainig mionnan Mhic Iain riamh air beulaobh na Comhairle. Cha robh, mar sin, fios aig an riaghladh gu ’n do ghéill Mac Iain, agus bha e air a shuidheachadh gu ’m biodh peanas a bhagraidh air a chur an gniomh. Tha amharus aig cuid gu ’n robh lamh aig Iain Glas ann a bhi cur obair an sgrios air aghaidh. Tha ’n t-amharus ceudna aig cuid gu ’n robh fios aig Earraghàel gu ’n robh e dol a ghabhail àite. Ach ma tha gus nach eil sin fior tha aon ni soillear, agus ’se sin: gur e Iain Dalrimple a shuidhich an dòigh anns an robh an sgrios gu bhi air a dheanamh, leis an robh Cloinn Iain gu bhi air an sguabadh bhar aghaidh na talmhainn. Cha deach leo cho maith ’sa bha iad an dùil. Bha 350 pearsa aig an àm ud an Gleann Comhann; chaidh naoi-deug thar fhichead a mhort, agus na ’m measg sud bha an ceann-cinnidh agus a bhean. Tha eachdraidh a toirt cùnntas air Mac Iain gun robh e ’na dhuine mor, gaisgeil, agus na shaighdear maith. Bha e an Coille-chragaidh a’ cogadh fo bhrataich Dhundee. Ghabh mort Ghleann Comhann àit’ air an treas latha deug de Februari, 1692, còrr us da cheud bliadhna air air ais. Rinn bàrd an teaghlaich—bàrd Mhic-’Ic-Iain—cumha air a mhort so. So aon rann deth:— “Cha robh gnothach aig leigh ruibh ’Tigh’n a leigheas nan creuchd ’san robh ’n cràdh; ’Call na fala fo ’n léintibh Bha na fir ’bu mhor feil’ ri luchd-dhàn. Nam b’e cothrom na Féinne A bhiodh eadar sibh fein ’s Clanna-Gall, Bhiodh còire mhollach an t-sléibhe ’Gairsinn salach air chreubhagan chàich.” (Ri leantuinn.) AM BARD EOBHAN MAC COLLA. Chaochail am bàrd aosmhor so ann an Toronto, anns a’ mhios roimh ’n mhios a chaidh seachad. Ruig e deich agus ceithir fichead bliadhna. Is e bàrd Gàidhealach a bu shine ’s a bu mhodha ainm ’us eolais air an aobhar sin, am measg nam bàrd a tha ’lathair ann an cearna air bith far am bheil na Gàidheil a’ tuineachadh. Is iomadh bliadhna chaidh seachad, is iomadh atharrachadh a thainig air an t-saoghal, agus is iomadh Gaidheal eudmhor agus duineil a ruith a reis air an talamh on thoisich Eòbhan Mac Colla air òrain Ghàidhlig a dheanamh agus a sheinn. Bha comas gasda aige: ’s is ann dàsan, da rireadh, a b’ aithne briathran fonnmhor a chur r’a cheile ’s orain mhilis, bhlasda ’dhealbh ’s a chur ann an ordugh snasmhor, grinn. Tha da bhliadhna ’nis on chunnaic mi am Bard Mac Colla. Bha eadhon an sin, a shuil fathast geur, tapaidh agus biorach, agus bha ’cheum ealamh, uallach mar a bha e riamh. Bha boineid Ghàidhealach daonnan na cheann-eudach aige. Bha e car mall ’na sheanachas, ged bha inntinn mhaith, theoma aige. ’N uair a bha e ’na fhior shean duine, bha ’inntinn anabarrach treubhach, agus bha ’chuimhne laidir ’us eagnuidh mu dheibhinn nan daoine air an robh e aon uair eolach, agus a tha ’nis ann an tir na di-chuimhne. Is ann ri taobh Loch Fiona, ann an Earraghàidheal, a rugadh e, ’s air an aobhar so thugadh Bàrd Loch Fiona mar ainm air. Tha Ceann-mhor, am baile anns an d’ rugadh e, dluth air Inbhir-Aoraidh, far am bheil luchairt Diuchd Earra-ghàidheil. Is ann bho dhaoine onorach, measail a thainig Mac Colla. Bha athair ’na dhuine glic, dichiollach firinneach. Cha robh na cothromannan a tha againne airson foghlum ’fhaotainn, co lionmhor ’us co saor ann an laithean oige Mhic Colla. Rinn athair oidheirp chliuteach air an eolas a b’ fhearr a bha ’na chomas, a thabhairt d’ a chlann agus do ’n bhard òg mar an ceudna. Bha Eobhan o thus a laithean lan de spiorad na bàrdachd, agus bha e iarrtuiseach air gach ionnsachadh a thrusadh. Ged nach robh na sgoilean ro mhaith ann an tus cuairt a’ bhàird, bha e fein dichiollach, agus gun sgios a’ leughadh nan leabhraichean air am faigheadh e greim. Ma dh’ fhaoidte nach robh balach anns an sgireachd aig an robh fiosrachadh a b’ airde, ’s a b’ fharsuinge, ’s a fhearr na bha aig a Bhàrd òg Mac Colla. Thug e gradh buan, diongmhalta do bhàrdachd, agus thoisich e gle luath air òrain ’us duain a dhealbh agus a sgriobhadh. Cha do lean e stiuradh no eisimpleir bàird air bith. Bha e dileas d’a bheachdan ’us d’a smuaintean fein, agus ghabh e ’dhoigh fein gu minic anns na rannan a shniomh agus a sheinn e. Fhuair e greadhnachas fior bho na duain a rinn e agus a sheinn e. Cosmhuil ri iomadh bàrd eile, ’us ri iomadh duine òg, inntinneach ’us comasach eile, cha robh maoin no beartas air bith aig Mac Colla. B’ eiginn da ’theachd-an-tir a chosnadh le fallus a ghnuise fein, agus le saothair a dha laimh. Ann an 1836 chuir e mach leabhar beag anns an do chruinnich e na h-òrain mhilis, cheolmhor a rinn e. Thainig a mach mu ’n àm cheudna òrain a rinn e ann am Beurla. Fhuair am bàrd òg, aghartach, meas ’us cliu nach robh faoin no suarach bho ’na daoine a b’ airde cliu ’us sgoilearachd ann an Albainn. Chnnnaic iad gu furasda ’s [TD 42] [Vol. 7. No. 6. p. 2] dh’ aidich iad gu robh buaidhean àluinn aig Mac Colla, ’s gu robh e airidh air caoimhneas ’us misneach ’fhaotainn bho gach neach aig an robh meas air duain ’us òrain thaitneach, bhlasda. Fhuair am bàrd aite ann an Tigh-cuspuinn Libherpool. Cha do roghnuich e tir a dhùthchais fhagail le teaghlach athar an uair a thainig iad do Chanada. Bhrist air a shlainte am feadh a bha e ann an Libherpool, agus smuaintich e gu deanamh faile ’chuain mhoir, bheucaich maith d’a shlainte, agus thainig e do Chanada. Bha Calum Camaran, aig an robh ughdarras mor ann an Canada, ’na charaid dileas, laghach do ’n bbàrd. Fhuair e aite do Mhac Colla ann an Tigh-cuspuinn Baile ’n righ, ann an Ontario. Ged dh’ fhan am bàrd co fada ’s a bha treoir aige airson obair chruaidh a dheanamh, ann an Tigh-cuspuinn Bhaile ’n righ, cha d’ eirich e riamh gu inbhe ard no tharbhach. Bha daoine ’saoilsinn gu robh luchd-riaghlaidh aig an robh comas gu leoir air comhnadh ’us cairdeas fiughanta ’nochdadh do ’n bhàrd, amharusach gu robh e ’sgriobhadh rannan sgeigeil ’n an aghaidh aig amannan sonruichte. Faodaidh sinn a bhi ’creidsinn nach robh cridhe ’bhàird ann an obair fhuar, neo-bhàrdail an Tighe-chuspuinn, do bhrigh gu b’ fhearr leis gu mor fada ’bhi deanamh dhuan ’us dhàn, agus mar so ’fadadh suas na chridhe ’s na anam fein, beachdan ’us faireachduinnean, ’us tlus, ’us toileachadh, ’us tlachd sonruichte nam bàrd anns gach linn ’us dùthaich. Dh’ fhag e fa-dheoidh an Tigh-cuspuinn agus fhuair e saor-dhuais o’n luchd-riaghlaidh. Is ann an Toronto ’chaith e feasgar a laithean. Bha iomadh caraid blath, dileas aig a’ bhàrd, oir bha gach Gàidheal ceart, proiseil ’us toilichte on rinn am bàrd euchdan co ciatach as leth na Gàidhlig, agus on bha e co meamnach, durachdach ’na fhior shean aois airson cainnt ’us abhaistean nan Gàidheal ’us na Gàidhealtachd a sgeadachadh le urram ùr ’us le sgiamh nuadh. Am feadh a bha Marcus Latharna ’na uachdaran an Canada, nochd e fein agus a’ Bhana-Phrionnsa Louise caoimhneas mor do Bhàrd Loch Fiona. An deigh do ’n Mharcus Comunn Rioghail Chanada ’steidheachadh, rinneadh Mac Colla ’na bhall de ’n chomunn. Bha ’m bàrd anabarrach toilichte gu do choisinn na leabhraichean a sgriobh e, aite co urramach da am measg daoine foghluimte ’s onorach Chanada. Tha orain a’ bhàird fior-bhoidheach, agus a dearbhadh gu robh gradh gasda aige air nadur, agus gu b’e run a chridhe samhlaidhean a thabhairt as tigh-ionmhais naduir airson snuadh ’us àilleachd éireachdail a bhuileachadh air smuaintean ’s air briathran a chridhe fein. Is anabarrach boidheach am moladh a rinn e air Loch-Arc:— Loch nam bruach a’s uaine neul; Loch nam bradan tarr-gheal trom; Ged nach faicear long nan crann Null no nall ort ’gearradh thonn. ’S leat an eala ’s aille com ’S i neo-throm air uchd a’ snamh; Eun a’s gile cneas no ’ghrian, Sneachd nan sliabh no leannan bàird. Is tiamhaidh agus is druidhteach briathran a’ bhàird mu bhàs bana-charaid:— Chaochail i—mar neultan riuteach ’Bhios ’s an ear ma bhriste faire— B’ fharmaid leis a’ ghrian am boidhchead, ’S dh’ éirich i ’na gloir’ ’chuir sgail orra! Chaochail i—mar shneachd a bhitheas Anns an traigh ’n cois na fairge; Dh’ aom a lan gun iochd air aghaidh— ’Ghile O! cha b’ fhada ’shealbhaich. ’N a òran molaidh air Comunn Gàidhealach baile Thoronta, dh’ fhoillsich Mac Colla cia co gasda ’s a bha ’inntinn, ’us cia co sunndach, ciatach, fonnmhor, uasal ’s a b’ urrainn da clarsach ’na bàrdachd a ghleusadh. Cha tainig o bheul bàird riamh rannan a’s milse, ’s a’s fonnmhoire, ’s a’s oirdheirce na iad so:— Cha ’n eol domh toilinntinn a’s modha na bhi ’cluinntinn Piob mhor nan dos cnaimh-gheal a’s fonnmhoire fuaim; ’Nuair theid i gu còmhradh air faiche no ’n seòmar, B’e ’n ceol thar gach ceol leam a torman ’n am chluais. ’N àm lannan a rusgadh, ’s na h-armuinn do ’n rùn i, Air naimhdean a’ bruchdadh le gnuisean gun ghruaim, Suas “Gillean an Fheile” air pioban deagh-ghleusach, ’S cha duilich a leughadh co ’n taobh a gheibh buaidh. Is ann an 1886 a chaidh Clarsach nam Beann, le Eobhan Mac Colla, ’chlo-bhualadh ann an Glascho. Tha, anns an leabhar so, duain ’us òrain Gàidhlig Mhic Colla, agus is àluinn da rireadh, an dileab a dh’ fhag Bàrd Loch Fiona do Ghàidheil an la diugh ’s do gach Gàidheal a thig ’n ar deigh. Aig an àm cheudna chaidh na h-òrain ’us na duain a sgriobh Mac Colla ann am Beurla, ’chlo-bhualadh ann an uidheam ghrinn, ghasda. Bithidh cuimhne air a gleidheadh ré iomadh linn air Bàrd Loch Fiona ’s air a’ ghradh a thug e riamh do ’n Ghàidhlig, ’us do bheachdan, ’s do ghaisge, ’s urram nan Gaidheal. Bha e ’n a charaid blath do MHAC-TALLA, ’s nam bitheadh e beò an diugh, bhitheadh e taingeil ’us proiseil gu bheil MAC-TALLA bho àm gu h-àm a togail sgeimh a’s fearr air fein, agus theireadh e ri Gàidheil Chanada: “Thugaibh comhnadh faoilidh do MHAC-TALLA; cumaibh gairdean treun, eudmhor ris; agus thugaibh comas suilbhir, deas, dileas da air urram measail a chur air cainnt Oisein, agus air gach fear ’us bean a bhuineas do thir nan gleann ’s nam breacan.” CONA. Chaidh duin’ òg a mharbhadh ann am muilleann sàbhaidh ann a Wood N. B., air an t-seachdain s’a chaidh, le tuiteam air an t-sabh. O BHROAD COBH GU CEAP NOR. A MHIC-TALLA, A GHAOIL,—Thoir dhomh do chluas tiotadh, agus innsidh mi dhuit, ceum air cheum, direach mar a thachair. Dh’ fhag mi Strath-lathuirne trath ’sa mhaduinn Dior-daoin, agus sud sios an rathad mor mi air mo thurus gu Ceap Nòr; “Tir nam beann, nan gleann ’s nan gaisgeach.” Gu cladach Bhroad Cobh bha ’ghaoth ’san t-uisge a gabhail brath orm. Ach ’nuair a ràinig mi ’n cladach ’s a chunnaic mi gach ioghnadh a tha sin, cha robh moran faireachaidh agam air an uisge mhor tuilleadh. Neach nach robh ann sud o chionn cheithir bliadhna ’s gann a dh’ aithnicheadh e ’n t-àite. Shaoladh tu gu robh na sithichean a tighinn a mach feadh na h-oidhche air son math na dùthcha. Tha Loch ’Ic Isaaic a nis na acarsaid. Chaidh bearna a dheanamh anns a mhol eadar e ’s cuan mor St. Lawrence, agus tha ’bhearna sin cho farsuinn ’s cho domhainn ’s gu robh sia soithichean a stigh ’san acarsaid air a mhaduinn ud ag iarraidh guail. Bha da shoitheach smùide ann—te dhiubh a’ cladach anns a bhearna, agus an te eile a frithealadh oirre sin agus air gach soitheach eile a thigeadh an rathad air son aoidheachd fhaighinn ’san acarsaid. Tha laimhrig a stigh agus rathad-iaruinn g’a h-ionnsuidh o’n mhèinn ghual a tha beagan is mìle a dh’ astar air falbh. Air an rathad sin bha sgriachail mar gu ’m biodh bana-bhuidseach a tighinn ’sa h-anail na h-uchd. Thainig i ’m fianuis, agus i cho dubh ’s ged a bhiodh i direach air tighinn as an aite bu mhiosa. Ach a stairirich a rinn i! Bha earball mor, fada oirre, mar earball rattlesnake, agus cha robh ni ann an sin uile ach bocsaichean guail. Bha corra neach timchioll an sud a thainig as na Stàidean, agus cha chanadh iadsan bana-bhuidseach rithe air son an t-saoghail. Mhathaicheadh iad orm nach robh ann ach engine. Ach shaolainnsa o’n is Geancaich iad gu ’m b’ fhearr dhoibh gu mor injun a radh, agus bhiodh sin fhéin modhail gu leor, mar a biodh e modha ’s modhail. Cha ’n fhaca mise Innseanach riamh cho dubh rithe. Ruith an t-injun a mach gu ceann na laimhrig, agus rinn e mar a rinn an sionnach sgiobalta aig an inneal ghlacaidh—dh’ fhag e ’earball as a dheigh agus thionndaidh e ma ’n cuairt. Bha na bocsaichean guail a’ dol air aghart gus a robh iad a tuiteam air am beoil ’s air an sroin os ceann strupan a bha sud, agus bha ’n strupan sin a toirt a ghuail sios gu goile an t-soitheach. ’Nuair a bhiodh gu leor aice sin dh’ fhalbhadh i ’s thigeadh te eile. Thug mi mo chasan leam agus rainig mi an soitheach cladhaich mu ’n do stad mi, agus thug mi cruinn leum o thir gu bord an t-soitheich. Ach mar a d’ fhuair mise mi-fhéin a measg dhaoine còire. Co bha ’n sud ach Caiptean Mac Neacail, agus an còcaire, agus engineer Domhnullach, fear-cinnidh. Mar a d’ fhuair mise mo dheagh dhinnear! B’ àbhaist dhomh tinneas-mara a bhi orm air a chuan, ach an là ud, a dh’ aindeoin gaoithe agus fairge, o Bhroad Cobh gu Meat Cobh cha d’ éirich an dinnear ud aona chairsteal na h-òirlich. Ach tha cuid-eigin a’ cur ceisd orm: “Cia mar a fhuair thu o Bhroad Cobh gu Meat Cobh?” Innsidh mi sin dhuit cuideachd. Fhuair air bord soitheach-smùide, an St. Olaf còir, a bha uair a treabhadh a chuain mu cheann a tuath na h-Alba. Tha i glé chomhfhurtail, agus bha feum agamsa air a sin, ’s mi bog fliuch. Chaidh mi sios comhla ris na h-engineers. B’ fhear-cinnidh fear dhiubh, brathair dha ’n fhear-cinnidh a dh’ ainmich mi cheana, agus sàr Ghàidheal uasal, a mhuinntir Phictou. Bha sinn a comhradh ann sud an dràsda ’sa rithist, a chuid mhor de ’n fheasgar. Thiormaich mi ann a sin gu math ’s gu ro-mhath. Air an turus thaghail sinn aig Margaree, Cheticamp agus Grantosh, agus cha mhor nach robh beul an latha ann ’nuair a chaidh mi air tir aig Meat Cobh, àite anns nach robh mi riamh roimhe. Ach bha fear-cinnidh eile dhomh ann a sud, deagh charaide dhuit fhein mar an ceudna—A. B. Domhnullach—duine còir, a thug a dh’ ionnsuidh a thaighe mi. Tha e fhein ’sa theaghlach còir. Cuimhnichidh tu fhéin air gle mhath ged nach bithinnsa a tachas do chinn. Ma theid thu ’n rathad gu bràth feuch gu ’n taghail thu air. Tha sgoil-dhubh aige, ach na biodh eagal sam bith agad roimhe; cha ghoirtich e fuiltean a dh’ fhalt do chinn. Bruidhnidh e gu socrach a là no dh’ oidhche ri càirdean a tha muigh air eilean St. Paul’s, ma chóig mìle deug uaithe; agus le ceangal mìorbhuileach air choir-eigin, tha e co furasda leis facal fhaighinn o do charaid an Astralia agus ged a bhiodh e ri ’thaobh ann am Baigh St. Lawrence. Feodhainn a bhios a’ dol a dh’ iasgach nan ròn ’san earrach, tha meas mor ac’ air, a chionn gu ’n d’ thoir e dhoibh cùnntas gu furasda air àite-còmhnuidh nan creutairean sin. Cha ’n ioghnadh idir gu bheil am bàs a coinneachadh ris na ròin bhochda. Dh’ innseadh e dhomh ann a sud ma nithean a thachradh an grunnd a chuain a measg nan trosg, agus bha e cheart cho cinnteach agus ged a bhiodh tu shios agus do dha shùil fosgailte a faicinn an ni. Bha mi duilich cho beag ùine ’sa bha mi ’na chuideachd; ach ’nuair a b’ éigin dhomh falbh, chuir e each is carbad, is gille snasail, tapaidh leam a dh’ ionn-ionnsuidh tigh caraide ’s fear-cinnidh eile am Baigh St. Lawrence, astar, saolaidh mi, a bha còrr is ochd mìle. Chuir am fear sin mi rithist o Bhaigh St. Lawrence, aon deich mìle gu àite bràthair dhomh an Ceap Nòr. Slàn leat an drasda. Is mi do charaid, DOMHNULL MAC RA’ILL, ’IC IAIN, ’IC DHOMHUILL BHAIN, A BHA ’N CILLE-BHACASTAIR, AN CILLEMHOIRE AN TROTERNISH. Ceap Nòr, 1 Ogust, 1898. [TD 43] [Vol. 7. No. 6. p. 3] SGEULACHDAN ARABIANACH. Na Tri Ubhlan. CAIB. IX. Chaidh Shemsedin am mach feuch am faiceadh e am fear a phos a nighean; ach an aite fhaicinn, bha ioghnadh anabarrach air an uair a chunnaic e am fear crotach ri tacsa ’bhalla, agus a cheann fodha ’s a chasan os a chionn. “Ciod is ciall dha so?” ars’ esan; “co chuir an so thu?” Dh’aithnich am fear crotach gu math gur e ’n t-ard-chomhairleach a bha bruidhinn ris, agus thuirt e, “Ochan! ochan, bha duil agad gu’n tugadh tu ormsa leannan seabh a phosadh—an leannan a bh’ aig an fhathach ghranda. Cha’n eil mi cho gorach; cha toir thu ’n car asam idir.” An uair a chuala Shemsedin mar a labhair am fear crotach, shaoil leis gur ann as a chiall a bha e, agus dh’ iarr e air a bhith falbh as an aite an robh e. “Bheir mi an aire mhath nach gabh mi do chomhairle mur d’ eirich a’ ghrian. Innsidh mi so dhut; an uair a chaidh mi do’n t-seomar mhor an raoir, thainig cat mhor dubh far an robh mi, agus ann an tiotadh dh’ fhas e cho mor ri tarbh. Cha do dhi-chuimhnich mi fhathast na thuirt e rium, air an aobhar sin, bi thusa ’falbh air cheann do ghnothaich fhein, agus fag mise far am bheil mi.” An aite falbh is ann a rug Shemsedin air chasan air an fhear chrotach, agus chuir e na sheasamh air an talamh e. Cha bu luaithe fhuair e chasan air an talamh na ruith e air falbh cho luath ’s a b’ urrainn e. Cha do leig e ’n ceum ruith as a chois gus an d’rainig e far an robh an righ. Dh’ innis e do righ a h-uile car mar a rinn am fathach air. Agus rinn an righ gaireachdaich gu leor an uair a chual’ e mar a dh’eirich dha. Thill Shemsedin do’n t-seomar anns an robh a nighean, agus barrachd ioghnaidh air na bh’ air roimhe. “Seadh, a nighean bhochd,” ars’ esan, “an urrainn dut an tuillean soluis a chur air a’ ghnothach so dhomh?” “Le ’r cead,” ars’ ise, “cha ’n urrainn dhomhsa ni sam bith innseadh dhuibh m’a dheinn ach na dh’ innis mi mar tha. Sin agaibh air a’ chathair mu’r coinneamh an t-aodach a bha mu ’n fhear a phos mi; is docha gu’m faigh sibh ni eiginn ann a dhearbhas dhuibh gu’m bheil mise ’g innseadh na firinn.” Thog a h-athair an ceann aodach a bh’ aig Bedredin ’na laimh, agus bheachdaich e gu dluth air. “Theirinn gur e ceannaodach ard-chomhairlich a th’ ann,” ars’ esan, “mur b’ e gur ann am Mosul a rinneadh e.” Ach an uair a thug e an aire gu’n robh ni eiginn air fhuaghal eadar an t-aodach agus an linige, dh’ iarr e siosar, agus an uair a dh’ fhosgail e an linige, fhuair e am paipeir a thug Nuredin dha mhac Bedredin, air leabaidh a’ bhais, agus a dh’ fhuaigh Bedredin ’na cheannaodach gus a ghleidheadh gu tearuinte. An uair a dh’ fhosgail Shemsedin am paipear b’ e na ceud fhacail a leugh e, “Do mo mhac, Bedredin.” Anns a’ mhionaid dh’ aithnich e lamh-sgriobhaidh a bhrathar. Mu’n dubhairt e facal sam bith m’ a dheidhinn, thug a nighean dha am poca a bha fo ’n aodach a bh’ air a’ chathair agus anns an robh an t-or. Dh’ fhosgail e e, agus fhuair e luma lan de bhuim oir e; oir, mar a dh’ innis mi mar tha, ged a bha Bedredin gle fhialaidh mu ’n or an oidhche roimhe sid, bha ’m fathach agus a’ bhean-shithe ’g a chumail cho lan ’s a bha e riamh. Bha paipear beag anns a’ phoca air an robh na facail a leanas sgriobhte:—“Mile bonn oir a bhuineas do dh’ Isacca an t-Iudhach.” Agus fo na briathran so bha sgriobhte mar an ceudna “A thug e do Bhedredin air son an luchd a th’ anns a’ cheud te dhe na loingeas a bhuineas dha ’athair urramach nach maireann, a thig gu calla.” Mu’n gann a leugh e na briathran so, thug e glaodh as, agus thuit e ann an laigse. An uair a thainig e as an laigse, thuirt e, “A nighean, na biodh eagal ort, ged a thachair dhomh fannachadh; is gann a tha e comasach dhut an t-aobhar a chreidsinn. Tha am mile bonn oir a th’ anns a’ phoca a’ cur ’nam chuimhne gu’n deachaidh mi fhein ’s mo bhrathair gaoil thar a cheile. Gun teagamh sam bith is e so an tochra a tha e ’toirt dhut. Moladh do Dhia air son nan uile nithean, agus gu sonraichte air son na doigh mhiorbhuillich anns an d’ thainig na nithean iongantach so gu crich, leis am bheil e ’nochdadh dhuinn a chumhachd neo-chriochnach.” Sheall e rithist air an sgriobhadh a rinn a bhrathair, agus phog e an sgriobhadh caochladh uairean, agus shil e na deoir gu frasach. Sheall e thairis air an leabhar o ’thoiseach gu ’dheireadh, agus fhuair e sgriobhte ann a’ cheart latha dhe’n mhios air an d’ rainig a bhrathair, Balsora, an latha ’phos e, agus an latha air an d’rugadh Bedredin; agus an uair a thug e fa near a’ chuis, chunnaic e gur ann air a’ cheart latha dhe’n mhios air an do phos a brathair ann am Balsora, a phos e fhein ann an Cairo, agus mar an ceudna, gu’m b’ann air a’ cheart latha air an d’ rugadh Bedredin, a rugadh a nighean fhein. Chuir an co-chordadh a bh’eadar na nithean so ioghnadh mor air. Bha na nithean so a fhuair e mach ’nan aobhar aoibhneis cho mor dha ’s gu’n d’ thug e leis an leabhar agus am paipear sgriobhte a bh’ air a’ phoca anns an robh an t-or gus an sealltainn do ’n righ. Thug an righ dha mathanas anns na chaidh seachad, agus an uair a chual’ e mar a dh’ eirich do ’n fhear chrotach, agus mu gach ni eile a thachair aig a’ phosadh, chord an sgeul cho math ris ’s gu’n d’ thug e fa near an sgriobhadh a chum gu’m biodh iad feumail do gach neach a leughadh iad ’na dheigh sin. Aig a’ cheart am cha b’ urrainn Shemsedin, an t-ard-chomhairleach, a thuigsinn c’ar son a dh’ fhalbh mac a bhrathair cho trath ’s a’ mhadainn an deigh dha posadh, agus nach do thill e tuilleadh. Bha duil aige ris a h-uile mionaid, o ’n a bha e ’gabhail fadachd gus an cuireadh e failte chridheil, chaoimhneil air. An ceann seachdain an uair a thug e duil-thairis dheth, chuir e daoine air a thoir feadh a’ bhaile, ach cha chual iad guth no iomradh air. Chuir so ioghnadh mor air. “Is e so,” ars’ esan, “rud a’s iongana chunnaic no chuala duine riamh.” O nach robh fhios aige cia mar a dh’ fhaodadh cuisean tachairt, smaoinich e gu’m bu choir dha mion-chunntais a chur sios ann an sgriobhadh mu thimchioll gach ni a thachair aig a’ bhanais agus mu’n doigh anns an robh earnais talla na bainnse, agus seomar-cadail a nighinn air an cur an ordugh. Mar an ceudna cheangail e suas a cionabhar am poca ’s an robh an t-or, agus gach ni eile a bhuineadh do Bhedredin, agus chuir e fo ghlais iad. An ceann beagan uine dh’ aithnich nighean an ard-chomhairleach gu ’n robh i leith-tromach, agus an ceann tri raithean dh’ aiseadadh air mac i. Fhuaradh banaltrum do ’n leanabh, agus thug a sheanair Agib mar ainm air. An uair a bha Agib seachd bliadhna dh’ aois chuir a sheanair do ’n sgoil e, agus dh’ earbadh ri dithis sheirbhiseach an aire a thoirt dha an am dha bhith ’falbh do’n sgoil agus a’ tilleadh dhachaidh. Bhiodh Agib a’ cluich comhladh ris na sgoilearan eile, agus o ’n a bha iad uile ann an inbhe na b’ isle na esan, bhiodh iad a’ toirt mor urram dha, a reir na h-eisimpleir a bha am maighstir a’ cur rompa, agus ged a dheanadh e iomadh cron, gheibheadh e sin a leigeadh leis mar nach fhaigheadh a h-aon sam bith eile a bh’ anns an sgoil. Bha Agib cho mor air a mhilleadh leis gach fabhar agus urram a bha na sgoilearan ’s am maighstir sgoile a’ nochdadh dha ’s gu’n d’ fhas e mu dheireadh cho mor as fhein agus cho mi-mhodhail ’s nach b’urrainn sgoilearan eile ach gann cur suas leis. Dh’ fheumadh a thoil fhein bhith aige anns gach ni. Na ’n cuireadh a h-aon sam bith dhiubh facal ’na aghaidh, chaineadh e thun am brog iad, agus ghabhadh e orra gu laidir. Mu dheireadh dh’fhas na sgoilearan cho sgith dhe dhoighean ’s gu ’m b’ fheudar dhaibh gearain a dheanamh air ris a’ mhaighstir sgoile. Thuirt am maighstir sgoile riutha gu’m feumadh iad foighidin a bhith aca. Ach an uair a chunnaic e gu’n robh Agib a’ sior fhas na bu mhi-mhodhaile a h-uile latha, agus ag aobharrachadh moran dragha dha fhein ’s do na sgoilearan thuirt e ris na sgoilearan, “A chlann, tha mi ’faicinn nach ’eil ann an Agib ach uasal beag gle mhi-mhodhail. Innsidh mise dhuibh mar a bheir sibh a leithid de thamailt dha ’s gu ’n sguir e bhith cur dragh oirbh; agus is docha gu’n toir sibh air falbh as an sgoil. An uair a thig e am maireach, agus a dh’ aontaicheas sibh teannadh ri cluich mar a b’ abhaist dhuibh, seasaibh uile mor-thimchioll air, agus abradh fear dhibh, “Cha leig sinn le fear sam bith a dhol a chluich an diugh ach fear a dh’ innseas dhuinn ainm fhein, agus ainm ’athar ’s a mhathar. A h-uile fear nach innis so, cha bhi againn air ach meas duine dhiolain, agus cha leig sinn leis a bhith ’cluich ’n ar cuideachd.” An ath latha an uair a chruinnich iad rinn iad mar a dh’ aithn am maighstir dhaibh. Sheas iad mor-thimchioll air Agib, agus thuirt fear dhiubh, “Toisicheamaid ri cluich, ach air a chumhnanta gu’n cuirear a h-uile fear nach innis ainm fhein, agus ainm ’athar ’s a mhathar, am mach as ar cuideachd.” Dh’ aontaich iad uile gu’n robh so ceart gu leor, agus bha Agib air a’ cheud fheadhain a chuir an aonta ris. An sin dh’fheoraich a’ cheud fhear a labhair, ainm gach fir an deigh a cheile. An uair a chuireadh a’ cheist air Agib thuirt e, “Is e Agib m’ ainmsa, theirear a’ bhaintighearna mhaiseach ri m’ mhathair, agus is e m’ athair, Schemsedin Mohamed, ard-chomhairleach an righ.” An uair a chual’ a chlann uile so ghlaodh iad am mach aird an claiginn, “Agib, ciod a thubhairt thu? Is e tha ’n sin ainm do sheanar, agus cha ’n e e ainm d’ athar.” “Mo mhollachd oirbh,” ars’ esan, ’s e ann am mullach na feirge, “ciod e tha sibh ag radh! an dana leibh a radh nach e Schemsedin Mohamed m’ athair?” “Cha’n e, cha ’n e,” ghlaodh iad uile ’s iad a’ deanamh glag mor gaire, “is e th’ ann do sheanair, agus mar sin cha’n fhaod thu ’bhith cluich maille ruinne. Bheir sinn ar ceart aire gu’n cum sinn as ar cuideachd thu.” An uair a thuirt iad so, dh’ fhag iad e far an robh e, agus dh’ fhalbh iad ’s iad a’ magadh air ’s a’ gaireachdaich ’n am measg fhein. Chuir so a leithid de thamailt air Agib ’s gu’n do thoisich e ri caoineadh. Bha am maighstir sgoile faisge air laimh aig an am, agus chual’ e a h-uile facal a bh’ eadar na sgoilearan is Agib. Chaidh e far an robh Agib ’na sheasamh, agus thuirt e ris, “Agib, am bheil fhios agad idir gur e Schemsedin Mohamed, ard-chomhairleach an righ, do sheanair, athair do mhathar? Cha ’n ’eil fhìos againne air ainm d’ athar na ’s mo na th’ agad fhein. Tha fhios againn gu’n robh an righ gus a thoirt air do mhathair aon dhe na seirbhisich a b’ isle a bh’ anns an stabull a phosadh—duine beag, granda, crotach; ach laidh fathach comhladh rithe oidhche na bainnse. Tha so gun teagamh gle dheuchainneach dhutsa, agus bu choir gu’n tugadh e ort gun a bhith cho uaibhreach ’s a tha thu, agus gun a bhith ’deanamh tair air na sgoilearan mar bu ghnath leat.” Chuir so Agib bhar a shiuil buileach (Air a leantuinn air taobh 46.) [TD 44] [Vol. 7. No. 6. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth, ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 2, 1898. SINCLAIRICH NA GALLTACHD. Thainig na Sinclairich á Normandi le Uilleam am Buadhair, an 1066. Bhuineadh àit ann an Normandi, ris an abairteadh Saint-Clair, dhaibh. Bho ainm an cuid fearainn, thugadh Saint-Clairich, no Sinclairich, orra fein. Bha ’n ceann teaghlaich aca, Ualtair, Iarla Saint-Clair, ann am blar Hastings. Thill e-féin do Normandi, ach dh’ fhag e cuid de ’theaghlach an Sasunn. TRIATHAN LINNE-AN-ROIS. Fhuair Sir Uilleam Sinclair còir air Roslin, no Linne-an-Rois—àite a tha mu ochd mile bho Dhun-eideann—an 1280. B’e Sir Eanruig, a mhac, an darna tighearna. Thuit Sir Uilleam, mac Shir Eanruig, agus Sir Seumas Dùghlas, ann am blar ’s an Spàin, an 1330. B’e Uilleam, mac do Shir Uilleam so, an treas tighearna. Phòs Uilleam nighean Mhaoliosa, Iarla Arcu agus Ghallaibh. B’e Sir Eanruig, a mhac, an ceathramh triath a bha air Linne-an-Rois. Fhuair Sir Eanruig iarlachd Arcu no Orkney, bho Hacon, righ Norway, an 1379. B’e a mhac, Eanruig Og, an dara h-iarla. Phòs Sir Uilleam Dùghlas, (an Dùghlasach Dubh) nighean do ’n darna righ Raibeart, agus bha aon nighean aige rithe. Phòs Eanruig Og an nighean so, agus fhuair e fearann a h-athair leatha. Bha dithis chloinne aige rithe, Uilleam, an treas iarla, agus Beitris. Phòs Seumas Dùghlas, seachdamh Iarla Dhùghlais, Beitris, agus bha ceithir mic aige rithe: Uilleam, ochdamh Iarla Dhùghlais; Seumas, naoidheamh Iarla Dhùghlais; Gilleasbuig, Iarla Mhoraidh; agus Uisdean, Iarla Ormaind. Theirteadh mar so, mathair nan iarlachan, ri Beitris. Dh’ éirich Uilleam Sinclair, treas Iarla Arcu, gu inbhe mhoir. B’e Caisteal Linne-an-Rois ’àite còmhnuidh, agus ’s gann gun robh lùchairt an righ fein, air thoiseach air an greadhnachas. Fhuair Uilleam Iarlachd Ghallaibh bho righ Seumas II, an 1455. Bha e an nis na Iarla air Arcu fo righ Norway, agus na Iarla air Gallaibh fo righ Alba. Bha e na thriath air Sealtuinn, no Shetland, Linne-an-Rois, Nithsdale, agus iomadh aite eile. Bha moran de dhreuchdan na rioghachd na laimh. Bha e an toiseach na Ard-Admiral, is an sin nar Ard-Sheansaileir. Fhuair Albainn còir air eileanan Arcu agus Shealtuinn bho Norway, an 1468. Thug righ Seumas III. na h-eileinean so bho Uilleam Sinclair, an 1470, ach thug e dha Creag-an-Fhithich is fearainn eile ’sa Ghalltachd air an son. Cha robh Uilleam a nis na Iarla ach air Gallaibh, ged a bha e cho saibhir is a bha e riamh. Chaidh Iarlachd Arcu a cheangal ris a chrùn. Bha Iarla Ghallaibh pòsda da uair: an toiseach ri Ealasaid, nighean Iarla Dhùghlais; agus a rithist ri Marsaili, nighean Alasdair Shutherlan, triath Dhunbeath. Bha nighean do ’m b’ ainm Mariot, aig Domhnull Mac Dhomhnaill, Morair nan Eileinean agus Iarla Rois. Phòs Alasdair Sutherlan an nighean so, agus is i bu mhathair do Mharsali. Bha mac agus nighean, Uilleam agus Ceit, aig Iarla Ghallaibh ris a cheud mhnaoi. Theirteadh Uilleam an Struidhear ri Uilleam. Bha Ceit pòsda ri Diuc Albani, darna mac righ Seumas II. Bha da mhac aig Iarla Ghallaibh, ri Marsaili Shutharlan: Uilleam Og is Oliver. Roinn an t-iarla a chuid fearainn air a thri mic. Fhuair Uilleam Struidhear Newburgh an Aberadhainn, is àiteachan eile. Fhuair Uilleam Og Iarlachd Ghallaibh. Fhuair Oliver Linne-an-Rois, agus àiteachan eile. Fhuair gach fear dhiu gu leoir de dh’ fhearann, agus tuilleadh ’s bu chòir a bhith aig duine sam bith. Cha b’ ann airson thighearnan a chaidh Albainn a chruthachadh, ach airson dhaoine a dheanadh obair. Bha da mhac aig Uilleam an Struidhear, Eanruig agus Uilleam. Rinneadh Eanruig na Mhorair an 1448. B’e Morair Iain am fear mu dheireadh de a shliochd a thaobh ghillean. Chaochail Morair Iain an 1676. Dh’ fhag e aon nighean, agus fhuair i an oighreachd. Bha moran de dh’ fhearann aig Uilleam, darna mac Uilleam an Struidhear, ann an eileinibh Arcu. Chaill a shliochd an cuid fearainn an 1708. Is ann an Caisteal Creag-an-Fhithich am Fife, a bha Uilleam an Struidhear a fuireach. B’e Eanruig Mac Uilleim, mhic Eanruig, mhic Uilleim, an ceathramh triath. Tha e air a radh gun robh mac aig an triath so do ’m b’ ainm Eanruig, agus gun deach Anndra, fear de shliochd Eanruig do ’n t-Suain, ’sa bhliadhna 1635. Bha Anndra na choirneal ’san arm Shuaineach. Bha Tearlach mac Anndra na sheanaileir. Dh’ ardaicheadh Frederic mac Thearlaich gu bhith na Mhorair. Tha ’n coigeamh Morair ann an diugh; ’s e Tearlach a’s ainm dha. B’e Oliver mac Uilleam, Iarla Ghallaibh, an seachdamh triath a bha air Linne-an-Rois. Chaill a shliochd roinn mhor de ’n cuid fearainn le bhith a leanachd nan Stiubhartach. B’e Uilleam, an coigeamh triath deug, an triath mu dheireadh. Dh’ fheum esan dealachadh ri caisteal greadhnach a shinnsre. Chaochail e an 1778. TRIATHAN BAILE-BHUACHAILLE. Fhuair Eanruig Sinclair còir air Herdmanston, no Baile-bhuachaille, an siorramachd Haddington, ’sa bhliadhna 1162. Bha Uilleam, an coigeamh triath, am blar Allt-a-Bhonnaich, an 1314. Rinn am Brusach Ridire dheth, agus thug e dha oighreach Cessfoird. ’S e Iain a b’ ainm do ’n darna triath air fhichead. Phòs e an 1659, nighean Iain, Morair Sinclair. Fhuair e fearann a h-athar leatha, am fearann a bhuineadh do dh’ Uilleam an Struidhear. Bha an nis Baile-bhuachaille agus Creag-an-Fhithich aige. Bha aon mhac aige, Eanruig. Rinneadh Morair de dh’ Eanruig ’sa bhliadhna 1677. Bha da mhac aig Morair Eanruig: Iain agus Seumas. Bha Iain greis anns an arm fo Mharlborough. Bha e aig Sliabh an t-Siorra, an 1715. Bha mu thri cheud de luchd each aige, ach cha do rinn e moran feuma leotha. Is ann uime a tha an sean oran ag radh:— “Mac-na-Cearda le ’chuid each, Bharr nan leac cha d’ charaich e.” Bha e na fhear-cogaidh math, ach cha robh earbsa sam bith aige ann an Iarla Màr. Bha e a faicinn gun robh an t-Iarla a dol a chall. Sgriobh e leabhar anns a bheil e a tabhairt làn iomradh mu sheanaileireachd Mhàir. Tha Baile-bhuachaille no Herdmanston, aig na Sinclairich fhathast. ’S fad a dh’ fhuirich an oighreachd sin ’san aon teaghlach—bho 1162 gu 1898—seachd ceud is sia bliadhna deug air fhichead. TRIATHAN EILE. Fhuair Seumas Sinclair còir air Longformacus, an siorramachd Bherwick, an 1384. Bha e do Shinclairich Linne-an-Rois. Rinneadh Rob, an deicheamh triath, na Ridire. Chaochail Sir Iain, an seachdamh triath deug, an 1798. Bha Iain Sinclair, ogha do thighearna Longformacuis, na cheannaiche an Duneideann. Rinn e moran airgid. Cheannaich e, an 1624, fearann Stevenston, an siorramachd Haddington. Rinneadh ridire dheth an 1636. Bha da mhac aig Sir Raibeart, an coigeamh triath: Sir Iain agus Seumas. Fhuair Seumas oighreachd Cnoc-a-Chaisteil, agus thionndaidh e ’ainm gu Lockhart, ainm an fhir do ’m buineadh an oighreachd. Fhuair Sir Iain, an siathamh triath, còir air oighreachd Mhurkle, an Gallaibh, an 1766. ’S e Sir Raibeart Sinclair a’s triath an diugh air Stevenston agus Murkle. MAC-A-CHLARAICH. Na diochuimhnich na duaisean a tha air an tairgse le “Caraid na Gàilig.” DUIN’ AOSDA. Tha duine d’ an ainm Sim Friseal a fuireach eadar Bay St. Lawrence agus Meat Cove, ann an siorrachd Inbhirnis, a tha an deigh aois ceud bliadhna ’sa h-aon deug a ruigheachd, agus a tha fhathast gu slàn, fallain. Rugadh e ann an Sheet Harbor, N. S., agus bha e beagan bhliadhnaichean a fuireach air Amhuinn an Iar Phictou. Thainig e do Cheap Breatunn nuair a bha e cóig bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha e air a phòsadh ann am Mabou leis an Urr. Mr. Miller, a cheud mhinistear Cléireach a shuidhich riamh ann an cearna sam bith dhe ’n eilean. Rugadh a cheud duine cloinne dha nuair a bha e aona bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. Tha i sin a nise ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhagadh sin esan an aois a tha e-fhéin ag radh—ceud ’sa h-aon deug. Tha e dall o chionn tri bliadhna, ach air gach dòigh eile tha e gu slàn, tapaidh, agus tha e cho geur-chuiseach ’s cho dòigheil ’na inntinn ’sa bha e riamh. Nuair a bha an t-Urr. Mr. Forbes air chuairt an ceann a tuath an eilein, thaghail e ann an dachaidh an t-seann duine chòir, agus fhuair e a chòmhradh gle thaitneach; tha e a reir coltais làn chomasach air cùnntas mionaideach a thoirt air gach ni a chunnaic ’sa chual’ e ré a bheatha. Tha àireamh de dhaoin’ inbheach Chanada ’s nan Stàitean an dràsda nan suidhe ann an Cuibeic a feuchainn ri cùisean a réiteach eadar an da dhùthaich. Tha sinn an comain nan càirdean a tha o àm gu ann a cur phaipearan-naigheachd ugainn. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt. R. Mac Neill, Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. [TD 45] [Vol. 7. No. 6. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bhual da charbad-iaruinn na chéile faisg air Lenoxville, Cuibeic, air an t-seachdain s’a chaidh; bha aon duine air a mharbhadh, ’s dithis eile air an droch ghoirteachadh. Bha na carbaid air am bristeadh nam mirean beaga. Tha réis each gu bhi ann an Sidni Tuath Di-luain s’a tighinn, mar a bha ann air a cheud latha de dh’ Iulaidh. Tha dùil ri sluagh mor a bhi cruinn; agus cha’n eil teagamh, ma bhios an t-side briagha, nach cuir iad seachad latha toilichte. Thainig 229,000 de luchd-imrich do na Stàitean air a bhliadhna chaidh seachad. Se so an àireamh bu lugha thainig ann an aon bhliadhna o chionn dlùth air fichead bliadhna. B’ Eadailtich agus Ruiseanaich a chuid bu mhotha dhiubh, daoine nach bi nan neart mor sam bith d’an duthaich. Chaidh duine d’am b’ainm E. Crawley, a mhuinntir Newfoundland, a mharbhadh ann am mèinn Bhridgeport Di-luain s’a chaidh le claich mhor a thuit air. Bha a chlach cho trom ’s gu’n do ghabh i cóignear dhaoine gus a togaìl bhar a mhuin. Bha e beò mu uair an deigh do’n sgiorradh tachairt dha. Chaidh a chorp a chur dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh. Bha stoirm mhor anns na Staitean a Deas oidhche Di-mairt agus Di-ciaduin. Bha gaoth uamhasach ann agus bha uisge trom a sileadh. Bha call mor air a dheanamh air a chotan ’s air an rice. Bha na roidean-iaruinn air am milleadh leis na tuiltean ann am moran aiteachan, agus b’fheudar stad a chur air na carbadan. Anns na bailtean rinneadh call nach bu bheag air tighean; bha na straidean air an lionadh leis gach seorsa droighnich. Thatar ag obair air an rathad-iaruinn eadar Hawkesbury agus Broad Cove, ach ’se obair gle shlaodach a th’ann. Cha’n ’eil ag obair air an rathad ach mu fhichead duine, agus ma tha iad air son an t-each-iaruinn a bhi ruith air an ceann fhichead bliadhna, feumaidh iad obrachadh gu foghainteach. B’fhearr do mhuinntir Inbhirnis gun a bhi bruidhinn air rathad-iaruinn idir, na bhi ’g earbsa na h-obrach ri cuideachd nach eil a reir coltais comasach air a deanamh. Tha fathunn a dol mu’n cuairt gu bheil muinntir Jamaica air son an t-eilean sin aonadh ris na Stàitean, a chum ’s gu ’m bi margadh aca do’n cuid siùcair. Tha na cisean a th’ aig rioghachdan na Roinn Eorpa air an t-siùcar an deigh siùcar nan Innsean an Iar a chur as a mhargadh cha mhor gu buileach, agus cha’n ’eil muinntir Jamaica a faicinn gu bheil doigh aca air an crannchur leasachadh ach a dhol a stigh ris na Staitean. Ach ’se ’s dòcha gu’n dean Breatunn cuideachadh leotha air dhoigh ’s gu soirbhich leotha fo brataich fhein. Chaidh Màiri Pheutan, nighean do Alasdair Pheutan, ann an Roseburn, faisg air Hogomah, a mharbhadh leis an dealanach, oidhche Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i-fhein ’sa màthair ’nan cadal anns an aon leabaidh; bha a màthair air a ghoirteachadh, ach tha i air a dhol am feobhas roimhe so. Thainig an dealanach a stigh air an dorus, ach cha d’rinn e milleadh ro mor air an tigh. Bha an nighean bhochd a chaidh a mharbhadh sia bliadhna fichead a dh’ aois. Chaidh cù a bha stigh a mharbhadh cuideachd. Bha tigh mu dha mhile tuath air sin, an tigh aig Math Feargastan, air an droch mhilleadh an oidhche cheudna. Thainig an dealanach stigh air an t-simileir agus chuir e pairt dhe’n ùrlar ’s dhe’n lobhta as a chéile, ach gu fortanach cha d’rinneadh goirteachadh sam bith air duine dhe na bha stigh. Chaidh fear Seumas Dughan a bhàthadh aig Stekiacke, N. S., toiseach na seachdain s’a chaidh, ’se feuchainn ri grunnachadh seachad air amhuinn. Bu duin’ òg e, da bhliadhn’ air fhichead a dh’ aois. Shil moran uisge air an t-seachdain s’a chaìdh, agus bha feur us, bàrr air a mhilleadh gu mór ann an caochladh àiteachan air feadh Nobha Scotia. Ri taobh aimhnichean bha roinn mhór dhe’n fheur a bha ’n shineadh air a ghiulan air falbh leis an tuil. Bha moran crithneachd an cur air feadh na dùthcha air an t-samhradh so, ach tha e coltach nach bi ann ach barr bochd; tha a mheirg gu math trom air ann an àiteachan, cho trom ’s nach bi feum sam bith ann. Bha an t-side o chionn treis a dh’ ùine air ais gle throm air a mheirg a thoirt air gach seors’ arbhair, ach gu h-àraid air a chrithneachd. Tha dùil ri bàrr math crithneachd a bhi ann am Manitoba ’s anns an Iar Thuath air an fhoghar so, mu dheich muillein fichead buiseal air fad. Tha féill mor air luchd-obrach air son a bhuain a dheanamh. Tha an C. P. R., a tairgse daoine thoirt do àite sam bith anns na roinnean sin ’s air ais, air son ochd dolair fhichead, ach ’se ’s dòcha leinn nach fhaigh iad moran gu falbh; dhéilig iad glé suarach ris na ghabh an tairgse an uiridh. Thainig Micheil Mac ’Ille-mhaoil, a mhuinntir Ghrand Mira, dhachaidh as a Chlondaic toiseach na seachdain s’a chaidh, agus e an deigh da fhichead mile dolair a dheanamh. Tha duil ri fear eile, Mac Mhuirich, a mhuinntir an aite cheudna, a bhi tigh’n dhachaidh an uine ghoirid; tha leth-cheud mile dolair aige-san. Tha Mac Ille-mhaoil an dùil fuireach aig an tigh a nise; cha’n eil roimhe sùil a thoirt air a Chlondaic tuilleadh. Chaidh soitheach-iasgaich Frangach d’ am b’ainm La Coquette a chur do’n ghrùnnd air na Grand Banks, air an fhicheadamh latha dhe ’n mhios a dh’ fhalbh, le soitheach-smùide a bhuail innte. Bha an t-side car ceòthach aig an àm, agus cha d’ thug na soithichean an aire dha chéile gus an robh e tuilleadh us anmoch. Bhuail an soitheach-smuide an cliathach an t-soitheich eile, ’ga cur fodha air ball. Bha tri duine fichead air bord, agus bha sia deug dhiubh sin air an call. Chaidh dithis dhaoin oga mhuinntir Kemp Head, air an Eilean Mhór, a bhàthadh Di-satharna s’a chaidh, ’s iad a seòladh gu Baddeck. Bha an t-side car stoirmeil, ach cha robh daoine ’n dùil gu robh i cunnartach. Chunnacas am bàta aca le tuathanach a bha ’g obair faisg air a chladach, agus air dha sealltuinn beagan mhionaidean an deigh sin, cha robh e ri fhaicinn. Chaidh e ’n uair sin an cois a chladaich, agus fhuair e ràmh agus da churrachd a snàmh air an uisge. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn, cha robh cuirp nan daoine bochda air am faotainn. Bu Mhac Aoidh fear dhiubh, mac do Dhomhnull Mac Aoidh, agus am fear eile Kerr, mac do Ruairidh Kerr. Cha robh am fear bu shine dhiubh ach mu choig bliadhna, fichead a dh’aois, agus am fear eile ochd bliadhn’ deug. IADSAN A’ PHAIGH. An t-Urr. D. Domhnullach, Strathlorne. D. A. Mac-a-Ghobha, an Beighe ’n Iar. $2.00 E. I. Mac-an-t-Saoir, Loch Lomond, $2.75 D. D. Mac Phearlain, S. W. Margaree, $2.00 Iain Mac Isaic, St. Andrew’s, N. S. Iain Caimbeul, Beinn Mhic Mhannain, E.P.I. Iain Mac Calmain, Rudha Phrim, E.P.I. Mrs. Iseabal Oudekerk, Chases Lake, N. Y. D. R. Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont. Aonghas Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont. D. R. Mac Gillebhràth, Cnoc na h-Eaglais, Ont. Domhnull Mac Cuthaig, Dalkeith, Ont. Tormad Mac Rath, Alexandria, Ont. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AM FLUR a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ($3.00) gu Ceithir us Tri Chairteil ($4.75). Is Flur math e cuideachd. ALASDAIR MARTUINN. SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. [TD 46] [Vol. 7. No. 6. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 43.) glan, agus dh’fhalbh e ’na ruith dhachaidh as an sgoil ’s e sior chaoineadh. Ghabh e direach do ’n t-seomar anns an robh a mhathair, agus an uair a chunnaic i an staid anns an robh e ghabh i eagal, agus dh’ fheoraich i ciod a bha cur dragh air. Cha b’ urrainn e freagairt a thoirt dhi, leis mar a bha e cho mor troimh a cheile eadar ardan is tamailt is caoineadh. An drasta ’s a rithist theireadh e facal no dha eadar a h-uile meall caoinidh a thigeadh air, ach cha b’ urrainn a mhathair bun no barr a dheanamh dhe na bha e ag radh. (Ri leantuinn.) AN CEATHRAMH RIGH SEUMAS AGUS AN TIGHEARN OG. Tha mu thuairm deich mìle mu dheas air Strìla srath bòidheach uaine, an cois aibhne de uisge libha glan, a’ siubhal le ceumaibh fòil, ’s le torman sòlais. Air an t-srath so, agus ri taobh na h-aibhne so, air reil’ein neonaineach beachanach,thachair do dhithis chaileagan òga lurach a bhi todhar anairt air feasgar samhraidh, anns a’ bhliadhna 1510. Bu nigheanan iad do thuathanach beag anns a’ choimhearsnachd, nach do chuir mòran airgiod seachad, ach air nach robh peighinn ainmhich, agus a thog a theaghlach le meas ’s le onair. Bha’n dithis pheathraichean gle choltach; bha’m folt cuachach donn a’ ruigheachd sìos gu’n dà shlinneinn—an gruaidhean bànruiteach agus cruinn—am bilean mar chéir dhearg, no mar ùr-ros ann am maduinn dhrùchd. Bha iad mar so, gun umhail, a’ nis ri mirreig ’s a gaireachdaich, ’s a nis, ag uisgeachadh an anairt, ’s a’ rithist a’ togail binn-luinneig a bha tàladh eòin nam preas a dh’ éisdeachd, ’nuair mhothaich iad do mharcaich taobh thall na h-aibhne. Bha e dìreach a’ dol a stigh anns an abhuinn, an rùn dol thairis far an robh na maighdeannan, gun umhail do dhoimhneachd na h-aibhne. Nan rachadh e air aghaidh, cha’n ìnnseadh e’n t-ath-sgéul! ’Nuair chunnaic na maighdeannan an cunnart ’s an robh an coigreach, ruith an tè ’b ’òige dhiubh, Seònaid, gu bruaich na h-aibhne, ’s ghlaodh i ris, “As leth Ni-Math, stad!” “C’arson, mo ghruagach ruiteach?” ars esan. “Am bheil eagal ort gu ruith mi leat?” “Cha’n ’eil curam dheth sin,” arsa Seònaid, ’s ruthadh a’ tighinn ’na gruaidh. “C’arson a stadainn mata, mo pheata?” ars’ am marcaich, ’s e tarruing na sréine, a chumail na steide air ais. “Tha, mur stad sibh,” ars’ a Seònaid, “gu’m bàthar sibh féin ’s an t-each. Mu’n urrainn duibh tighinn thairis” ars’ ise, “feumaidh sibh dol cho fad ’s a’ chraobh ud shìos,” ’s i ’deanamh seòladh-corraig air craoibh chomharraicht’ a bha mu thuairm ceithreamh-a’-mhìle as an àite—“Taing dhuit, a mhaighdean,” ars’ am marcaich, ’s e deanamh mar a dh’ iarr i. Cha luaithe bhuinginn e taobh bhos na-h-aibhne, na mharcaich e suas g’ an ionnsuidh. Cha do chòrd so ris na maighdeannan oga, agus thòisich iad ri teicheadh; ach air ath-smaoin, thubhairt iad r’a chéile nach biodh so sìobhalt’. A thuilleadh air so, chunnaic iad gu’n d’ thàinig am marcaich bhar ’eich, agus gu’n robh coltas duin’-uasal shìobhalt’ air. An déigh beagan do bhearradaireachd ’s do tharruing-as-a-chéile, ghlac na h-ionagan barrachd misnich, gu sonruichte ’nuair leig an coigreach e féin air fad ’s dhroma, ’s a thòisich e ri e féin aoineagradh anns an fhiar làmh riu. Thòisich e ’nis ris cho liuthad ùirsgéul ’us droidart innse dhoibh, ’s nach mòr nach do scàin iad an taobh a gàireachdaich. ’S ann a bha nis eagal orra gu’m fàgadh e iad. Thug an coigreach an aire fad na h-ùine nach robh a’ phiuthar bu shinne, Mairi, cho sigeantach ri Seònaid; agus a’ nis dh’ fharraid e dhith “Mo mhaighdean bhoidheach,” ars’ esan, “tha mì meallta, air neo tha ni eigin a’ cur trioblaid ort, tha saighead a thaobh-eigin anns a’ chridhe mhaoth sin agadsa. Innis thusa dhomhsa gu saor do ghalar; tha cungaidh agams’, theaghamh, a ni féin dhuit.” Thaing rughadh an gruaidh Màiri, cha d’ thubhairt i guth. Ach cha b’ e sin d’ a piuthair. “Tha i ’dol a phòsadh am maireach,” ars’ ise gu beadagach. “Hó, Hó!” ars’ an coigreach, “a’ dol a phòsadh! C’arson a chuireadh sin sprochd oirre? ’Ne nach ’eil i faotainn a raoghainn?” “Tha, tha,” arsa Seònaid; “ach tha aobhar eagail gu’m bi riasladh air a’ bhanais, agus tha so ’g a fàgail fo lionn-dubh.” “An innis thusa dhomhsa, a chàileag mhàlta, suim na cùis,” ars’ esan, “agus so mo làimh nach meist an gnothach e.” Dh’ innis i. “Bha’n Tighearn òg,” ars’ ise, “fear Bhaile na Manach, a’ suireadh air mo phiuthair, agus thairg e ’làimh dhi; ach cha ghabhadh i cuid no pàirt ris—’s fèarr leatha mac aon d’ a thuathanaich. Air a shon so, tha fhios aig fear-na-bainnse gu faigh e bàirlinn air an t-samhainn. Cha’n e sin, ach thuirt e ri cuid-eigin gu’n tigeadh e chum na bainnse, gun chuireadh, a thogail iorguill.” “’N ann da rìreamh tha thu?” ars’ an coigreach. “’S math am balach an Tighearn’ òg! Chuala mi iomradh air roimh so! Do thaobh bàirlinn a thoirt do fhear do pheathar, faodaidh e sin a dheanamh gun umhail, mur ’eil a mhàl pàighte; ach do thaobh tighinn a thogail iorghuill a chum na bainnse, cha’n ’eil lagh air an t-saoghal air a thaobh ’s an nì so. Chì sinn,” ars’ esan ’s e ’g éiridh air a chasan. “Mo chaileag bhòidheach;” ars esan, “thoir thusa cuireadh dhòmhsa chum na bainnse am màireach. Thoir fà’ near, cha ghabh mi diùltadh. C’iod tha thu ’g ràdh, bhean-na-bainnse?—ciod tha thusa ’g radh, ’Sheònaid?” Thàinig rughadh an gruaidhean Màiri, s’ chrom i ’ceann. “Cha’n ’eil dùil agam,” ars’ ise, “gu’m bi dad aig Uilleam ’n ar n-aghaidh, nuair dh’ innseas mise dha cho sìobhalta ’s a fhuair sinn sibh.” “Na biodh cùram oirbhse,” arsa Seònaid, gu beadagach, “Thigeadh sibhse, agus, ma’s beo mise, nithear ùr beatha.” “An t-àm ’s an t-àite?” ars’ an coigreach, “Glaic nan Druiteag air cheithir uairean am màireach,” arsa Seònaid ’s i deanamh seòladh-corraig aig tigh a h-athar, nach robh thar leth mhile air falbh. “Ro mhath,” ars’ an Coigreach. “Beannachd léibh an tràth ’s, mo mhaighdeannan boidheach. Cumaibh an uair, agus cha bhi mise fad air dheireadh.” Cha luaithe thuirt e so na ’leum e ’n glaic a dhiolaid; ’s ann an còig mionaidean bha e as an t-sealladh! Thàinig là ’r-na-mhàireach; ’s ma thàinig, ’s ann a sin a bha’n ùpraid—sgeanan ’g an glanadh—trinnsearan a gleadhraich—cearcan ’g an ròstadh—buideil ’g an tràghadh—bùird ’g an cui’rinneachadh—maighdeannan a’ cur orra an riomhaidh—fleasgaich a’ dol ’n an éideadh! Thainig a nis ceithir uairean. Bha’m ministeir a’ feitheamh; oir bha Uilleam agus Màiri a’ cur seachad na h-ùine, le comhairle Seònaid, feuch an tigeadh an coigreach a thug na h-uiread do dh’ fhearas chuideachd dhoibh an dé. Mu dheireadh, b’ fheudar tighinn gu stòl a’ phòsaidh as aonais. Chuireadh an t-snaim nach fuasgail fiacail, shuidh an comunn measail, aoidheal, mu’n bhòrd mòr, air a dheagh ’shachd ròcail, aoidheil, ach fear-na-bainnse agus bean-na bainnse, a bha ’g amharc rud-eigin muladach, air eagal an Tighearn’ òig, a bhagair tighin a chur bruaillean orra. Cha mhòr gun deach an t-altachadh a radh, ’nuair cò thàinig orra ach an coigreach—coigreach nach fhaca neach a bha làthair riamh ach bean-na-bainnse agus a piuthar Seònaid. “Tha mi caileigin anmoch, gabhaibh mo leisgéul,” ars’ an coigreach, le fiamh a ghàire, agus de sealladh sigeantach, “ach,” ars’ esan, “’s fèarr deireadh bainnse na tùs còmhstri. A chàirdean thug mi cuireadh dhomh fein an so a nochd, ni nach ’eil cumanta; ach tha mi meallta, ’nuair chi mi ur n-aghaidhean flathail, mur h-e mo bheatha.” “’S e, ’s e, gu dearbh,” ars’ a chuile mac ’us nighean màthair a bha anns an t-seòmar. “Crathadh de d’ laimh a bhean-na-bainnse, meal do naigheachd crathadh de laimh Uilleam, meal do naigheachd; fàilt ort a Sheònaid!” ars’ esan. Chuir so ioghnadh mòr air a’ chomunn gu h-àraid air Uilleam, fear nach fhaca an coigneach, a nis ri taobh fir-na-bainnse, air ’iarrtas féin, agus le sàr-thoil na cuideachd. Thoisich an ichinich—thòisich na h-òrain—thòìsich an t-òl! Ars’ an coigreach, ’s e cagarsaich an cluais fir-na-bainnse, “Ciod ur barail, an tig an Tighearn’ òg a chuir bruaillean oirbh an nochd?” Arsa fear-na-balnnse, ’s e cur a beul ri cluais a’ choigreach, “Tha e’n immis ’s a bhi air chuthach nach d’ fhuair e Màiri; agus ged nach d’thainig e fathaist, tha eagal orm gu’m bi e cho math ’us ’fhocal mu’n sgaoil sinn.” “Ciod tha romhad a dheanamh ma thig e?” ars’ an coigreach; “am bheil fhios aig na fleasgaich gu bheil dùil ris?” “Tha fios aig mòr sheisear againn air,” arsa fear-na-bainnse, “agus tha ar claidhean deas; ach theagamh gu’m bi ’bhuidheannsan tuille ’s lionmhòr air ar son.” Chaidh stad a chur air a ’chagarsaich a nis le lapraich chasan agus àrd-labhairt. Dh’fhosguil an dorus, agus a stigh thàinig an Tighearn’ òg, agus a ghillean fo’n armaibh. “Fhir-na-bainnse,” ars’ an Tighearn’ òg, “c’arson nach ’eil thu deanamh dìbheatha t-uachdarain agus a chàirdean?” “Thàinig sibh an so gun chuireadh le’r cead,” arsa Riddeil, ’s na biodh ioghnadh oirbh nach h-e ur beatha.” “Bho’n tha’n comunn cho doicheallach, ars’ an Tighearn’ òg, ’s e tionndadh ri ’chairdean, “thugadh gach fear scarbh a creig dha féin,” ’s e glacadh searraig de’n fhion a bha air a’ bhòrd, ’s ’g a òl. (Ri leantuinn.) Bas an Urr. Iain Mhic Leoid, D. D. Air a’ cheathramh latha de ’n mhios s’a chaidh, chaochail an t-Urramach Iain Mac Leoid, D. D., ministear na h-Eaglais Steidhichte, ann an sgireachd Ghobhan, an siorrachd Inbhirnis, leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. Bu mhac e do ’n Urr. Iain Mac Leoid, ministear Morbheann, agus b’e an t-Urr. Tormad Mac Leoid, D. D., “Caraid nan Gàidheal,” brathair athar. Bha e de theaghlach mhinistearan air am bheil meas agus cliu,—cha ’n ann a mhain anns a Ghàidhealtachd, ach anns gach àite ’sam bheil Gàidheil a’ comhnuidh. Fhuair e deagh fhoghlum nuair a bha e gle òg; chaidh e do oil-thigh Ghlaschu ’nuair nach robh e ach tri bliadhn’ diag a dh’ aois. Fhuair e cead searmonachaidh agus bha e air a shuidheachadh ann ann an sgireachd Newton-on-Ayr, mu ’n robh e bliadhn’ air fhichead a dh’ aois. An ceann bliadhna bha e air a shuidheachadh ann an Duns, far an robh e gus a bhliadhna 1875, ’nuair a bha e air a shuidheachadh ann an Gobhan, far an robh e a’ saoithreachadh fad nan tri bliadhna fichead uaithe sin. Bha e ’na shearmonaiche foghainteach, druighteach; cha robh ach gle bheag de mhinistearan Eaglais na h-Alba a bheireadh barr air. Cha robh e ’na chleachdadh aige bhi ’cur facal de ’n t-searmon air paipear. Bha e ’na dhuine rinn saothair mhor os leth na h-eaglais, agus bidh e air ionndrain gu mor. Dh’ fhag e bantrach, coignear mhac, agus dithis nighean. Tha am mac a’s sine, Tormad, ’na lighiche anns an arm ’s na h-Innsean. Chaidh an Sydney Field Battery do ’n champa air rudha nam Barracks Di-ciaduin. Tha a bhataraidh air an turus so na’s motha na bha i riamh roimhe;—sia gunnaichean, da fhichead us da each, ’s ceud us da dhuine. [TD 47] [Vol. 7. No. 6. p. 7] Tha Sar Ruisia a nise an deigh litrichean a chur gu luchd-riaghlaidh rioghachdan eile na Roinn Eorpa air son coinneamh mhor a ghairm feuch an aontaich na rioghachdan an cuid armachd a lughdachadh. Tha e ’g radh gu bheil an t-arm na uallach trom air sluagh na Roinn Eòrpa, agus nan aontaicheadh na h-uile rioghachd deanamh leis na bu lugha de shaighdearan air muir air agus tir gu’m biodh e na bhuannachd mhór dhaibh, agus a bharrachd air sin nach biodh e cho cunnartach gum bristeadh cogadh a mach. Tha so uile gle fhior, ach tha e cur iongantais air daoine an Sar a bhi ga chur fhéin an céill air an dòigh so, am fear a bha roimhe so a bagairt an t-sith a bhristeadh na bu trice na uachdaran rioghachd sam bith eile. Ach a dh’aindeoin sin, nan gabhadh na rioghachdan a chomhairle, bhiodh an saoghal na b’fhearr dheth na tha e. Am Feillire. SEPTEMBER, 1898. 1 Dior-daoin Blar Sedan, 1870. 2 Di-haoine Teine mor Lunnainn, 1660 3 Di-satharna Bas Chromwell, 1658. 4 DI-DONAICH 13mh Donach na Trianaid. 5 Di-luain Breith Raibeirt Mhic Fhearghais, 1750 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin 8 Dior-daoin Glacadh Sebastopol, 1855. 9 Di-haoine Bas Chaluim Chille, 597. 10 Di-satharna (9) Blar Flodden, 1513. 11 DI-DONAICH 14mh Donach na Trianaid. 12 Di-luain Glacadh Chuibeic, 1759. 13 Di-mairt Bas Uilleam Pitt, 1806. 14 Di-ciaduin 15 Dior-daoin 16 Di-haoine Bas Sheumais VII, 1701. 17 Di-satharna Seisdeadh Dhuneideann, 1745 18 DI-DONAICH 15mh Donach na Trianaid. 19 Di-luain Clo-bhualadh a cheud leabhair, 1471. 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin Bas Sir Walter Scott, 1832. 22 Dior-daoin Blar Sliamh-a-Chlamhain, 1745. 23 Di-haoine 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH 16mh Donach na Trianaid. 26 Di-luain Crùnadh Uilleam Rufuis, 1087. 27 Di-mairt 28 Di-ciaduin Bas Dheorsa Buchanan, 1582 29 Dior-daoin Breith Morair Nelson, 1758 30 Di-haoine Breith Uileim Chuimein 1715 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 6, M. 37 F. An Solus Ur, L. 15, U. 7, M. 56 F. A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 10, M. 25 F. An Solus Lan, L. 29, U. 6, M. 54 F. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. MAC-TALLA “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho. C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 48] [Vol. 7. No. 6. p. 8] Miann a’ Bhaird Aosda. SEISD:— O cairibh mi ri taobh nan allt, A shiubhlas mall le ceumaibh ciuin, Fo sgail a’ bharraich leag mo cheann, ’S bi thusa ’ghrian ro chairdeil rium. Gu socair sin ’san fheur mo thaobh Air bruaich nan dithean, ’s nan gaoth tlath, ’S mo chas ga sliobadh ’sa bhraon mhaoth, ’S e lubadh thairis caoin troimh ’n bhlar. Biodh sobhrach bhan is aillidh snuadh, Mu ’n cuairt do m’ thulaich is uain’ fo’ dhriuchd, ’S an neoinean beag ’s mo lamh air cluain, ’S an ealabhuidh’ aig mo chluais gu h-ur. Mu ’n cuairt do bhruachaibh ard mo ghlinn’, Biodh lubadh gheug is orra blath; ’S clann bheag nam preas a’ tabhairt seinn, Do chreagaibh aosd’ le oran graidh. Briseadh tro chreag nan eidheann dlu, Am fuaran ur le torman trom, ’S freagraidh mac-talla gach ciuil, Do dh’ fhuaim srutha dlu nan tonn. Freagraidh gach cnoc, agus gach sliabh, Le binn-fhuaim geur nan aighean mear; ’N sin cluinnidh mise mile geum, A’ ruith mu ’n cuairt domh ’n iar ’san ear. Mu ’n cuairt biodh lu-chleas nan laogh, Ri taobh nan sruth, no air an leirg, ’S am minnean beag de ’n chomhraig sgith, ’N am achlais a’ cadal gu ’n cheilg. Sruthadh air sgeith na h-osaig mhin, Glaodhan maoth nan cro mu ’m chluais, ’N sin freagraidh a mheanmh-spreidh, ’Nuair chluinn an gineil, is iad a ruith a nuas. A ceum an t-sealgair ri mo chluais! Le sranna ghath, is chon feadh sleibh, ’N sin dearsaidh an oig’ air mo ghruaidh, ’N uair dh’ eireas toirm air sealg an fheidh. Duisgidh smior am chnaimh, ’nuair chluinn, Mi tailmrich dhos is chon is shreang, ’Nuair ghlaodhar—“Thuit an damh!” tha mo bhuinn A’ leum gu beo ri ard nam beann. ’N sin chi mi, air leam, an gadhar, A leanadh mi anmoch is moch; ’S na sleibh bu mhiannach leam’ thaghall, ’S an solas chuaich a bha mor aoibhneas. Bha ceo air fleagh bharr an fheidh, An deoch a Treig ’s an tonn ar ceol, Ge d’ sheinneadh taisg ’s ge d’ ranadh sleibh, Sinnte ’s an uaimh bu sheamh ar neoil. Chi mi Beinn-ard is aillidh fiamh, Ceann-feadhna air mhile beann, Bha aisling nan damh ’na ciabh, ’S i leabaidh nan nial a ceann. Chi mi Sgorr-eild’ air bruach a ghlinn An goir a’ chuach gu binn an tos. Is gorm mheall-aild’ na mile giubhas, Nan luban, nan earba, ’s nan lon. Biodh tuinn og a snamh le sunnd, Thar linne ’s mine giubhas, gu luath; Srath ghiubhais uain’ aig a ceann, A’ lubadh chaoran dearg air bruaich. Biodh eal’ aluinn an uchd bhain, A snamh le spreigh air bharr nan tonn, ’Nuair thogas i sgiath an aird, A measg nan nial cha ’n fhas i trom. ’S tric i ’g astar thar a’ chuain, Gu asraidh fhuar nan ioma ronn, Far nach togar breid ri crann, ’S nach sgoilt sron dharaich tonn. Bi thusa ri dosan nan tom, Is cumha’ do ghaol ann ad bheul, Eala’ thriall o thir nan tonn, ’S tu seinn dhomh ciuil an aird nan speur. O! eirich thus’ le t-oran ciuin, ’S cuir naigheachd bhochd do bhroin an ceill; ’S glacaidh mac-talla gach ciuil, An guth tursa sin o d’ bheul. Tog do sgiath gu h-ard thar chuan, Glac do luathas bho neart na gaoith, ’S eibhinn ann am chluais an fhuaim, O’d chridhe leoint’—an t-oran gaoil. Co an tir on gluais a’ ghaoth, Tha giulan glaodh do bhroin on chreig? Oigeir a chaidh uain a thriall, ’S a dh’ fhag mo chiabh ghlas gu ’n taic. ’M b’ eil deoir do ruisg, O! thusa ribhinn, Is mine mais’ ’s is gile lamh? Solas gu ’n chrioch do ’n ghruaidh mhaoith, A chaoidh nach gluais on leabaidh chaoil! Innsibh, o’n threig mo shuil, a ghaoth’ C’ait am beil a chuil’ a fas, Le glaodhan broin ’s na tric r’a taobh, Le sgiath gun deo a cumail blair. Togaibh mi—caraibh le ’r laimh threin, ’S cuiribh mo cheann fo bharrach ur, ’N uair dh’ eireas a’ ghrian gu h-ard, Biodh a sgiath uain’ os ceann mo shuil. An sin thig thu, O! aisling chiuin, Tha ’g astar dluth measg reul na h-oidhch’, Biodh gniomh m’ oichche ann ad cheol; Toirt aimsir mo mhuirn gu ’m chuimhn’. O! m’ anam faic an ribhinn og, Fo sgeith an daraich, righ nam flath, ’S a sneachd-lamh measg a ciabhan oir, ’S a meall-shuil chiuin air og a graidh. Esan a’ seinn ri ’taobh ’s i balbh, Le ’cridhe leum, ’s a’ snamh’ na cheol, An gaol bho shuil gu suil a falbh, Cur stad air feidh nan sleibhtean mor. Nis threig an fuaim, ’e tha cliabh geal min, Ri uchd ’s ri cridhe gaoil a’ fas, ’S a bilibh ur mar ros gun smal, Mu bheul a gaoil gu dluth an sas. Solas gun chrioch do ’n chomunn chaomh, A dhuisg dhomh ’n t-aoibhneas ait nach pill, Is beannachd do t-anams’ a ruin, A nighean chiuin nan cuach-chiabh grinn. ’N do threig thu mi, aisling nam buadh? Pill fathast—aon uair eile, pill! Cha chluinn thu mi, Ochoin! ’s mi truagh, A bheannaibh uain’ mo ghraidh—slan leibh. Slan le comunn caomh na h-oige, Is oigheanna boidheach, slan leibh; Cha leir dhomh sibh, dhuibhse tha samhradh, Ach dhomhsa geamhradh a chaoidh. O! cuir mo chluas ri fuaim Eas-mor, Le ’chronan a’ tearnadh on chreig. Bi’dh cruit agus slige ri ’m thaobh, ’S an sgiath a dhion mo shinnsir sa’ chath. Thig le cairdeas thar a chuain, Osag mhin a ghluais gu mall, Tog mo cheo air sgiath do luathais, ’S imich grad gu eilean fhlaitheis. Far ’m beil na laoich a dh’ fhalbh o shean, An cadal trom gun dol le ceol, Fosglaibh-sa thalla Oisein is Dhaoil, Thig an oidhche ’s cha bhi ’m bard air bhrath. Ach O! m’ an tig i seal m’ an triall mo cheo, Gu teach man bard, air ard-bheinn as nach pill. Fair cruit ’s mo shlige dh’ iunnsaidh ’n roid, An sin, mo chruit, ’s mo shlige ghraidh, slan leibh. BEAG ACH MOR Is beag an ni botul de K. D. C. a thaobh meudachd, ach ’nuair a ghabhas tu naa bhios ann air son tinneas-stamaig, chi thu cho mor ’sa tha e. IS E LEIGHSEAS GACH SEORSA DE THINNEASAN-STAMAIG. Tha daoine mora agus matha America ’g a mholadh, oir chuir iad deuchainn air. Na ’m biodh botull dolair de K. D. C. air a dheanamh ’na stuth tana lionadh e cart; mar sin tha e math agus tha moran ann dheth. Cuir a dh’ iarraidh sampuill. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air tinneasan cuim. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $4.00 Sia miosan, 2.00 Tri miosan, 1.00 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. C. H. HARRINGTON & CO. NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. [TD 49] [Vol. 7. No. 7. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 9, 1898. No. 7. SGEULACHDAN ARABIANACH. Na Tri Ubhlan. CAIB. X. An uair a bha Agib sgith caoinidh thuirt e ri ’mhathair, “As uchd Dhe riut, tha mi guidhe ort gu ’n innis thu dhomh co is athair dhomh.” “A mhic,” ars’ ise, “is e Schemsedin Mohamed, a tha h-uile latha deanamh na h-uiread dhiot, is athair dhut.” “Cha ’n eil sibh ag innseadh na firinn dhomh,” ars’ esan; “is e bhur n-athair fhein, ach cha ’n e m’ athair-sa idir. Ach co dha is mac mi?” An uair a chual’ a mhathair so thainig na nithean a thachair oidhche na bainnse as ur gu a cuimhne, agus mar a bha i fad iomadh bliadhna ’caitheamh a beatha mar bhantraich. Thoisich i ri sileadh dheur gu frasach, agus ri gearain gu goirt air a’ chall a thainig oirre an uair a chaill i Bedredin, fear posda cho tlachdmhor ’s a b’ urrainn a bhith aig mnaoi. An uair a bha i mar so a’ caoidh maille ri Agib, co a thigeadh a steach ach an t-ard-chomhairleach, agus ghrad dh’ fheoraich e ciod a b’ aobhar do ’n bhron a bh’ aca. Dh’ innis a nighean dha mar a naraicheadh Agib anns an sgoil. Chuir so dragh-inntinn cho mor air an ard-chomhairleach ’s gu ’n do thoisich e ri gul comhladh riutha. Thuig e gu math gu’ n robh fios aig sluagh a’ bhaile aìr a’ mhi-fhortan a thachair dh’ a nighinn, agus chuir so gu bron ’s gu tuirse e buileach glan. Anns an t-suidheachadh bhronach so chaidh e gun dail sam bith do luchairt an righ agus air dha e fhein a leigeadh ’na shineadh aig casan an righ, dh’ innis e dha mar a bha cuisean; agus ghuidh e air gun tugadh e cead dha a dhol air thurus troimh dhuthannan na h-aird an ear, ach gu sonraichte do Bhalsora, feuch am faigheadh e sgeul air Bedredin, mar a bhrathar. Oir cha robh e ’n comas dha na b’ fhaide laidhe fo ’n a’ mhi-chliu a bha muinntir a’ bhaile a’ cur air a theaghlach an uair a bha iad a’ creidsinn, agus ag aithris o bheul gu beul, gu ’n robh mac aig a nighinn bho fhathach. Chuir an suidheachadh anns an robh an t-ard-chomhairleach dragh-inntinn air an righ, agus dheonaich e gu toileach cead a thoirt dha falbh a dh’iarraidh forofhais air mac a bhrathar. Dh’ ordaich e paipear a sgriobhadh dha leis am faigheadh e cead anns gach rioghachd do ’n rachadh e lan-fhorofhais a dheanamh air son mac a bhrathar, agus a thoirt leis air ais do ’n Eiphit na’m faigheadh e greim air. Bha Schemsedin cho taingeil do’n righ air son a’ chaoimhneis a nochd e dha ’s gu’n do leig e e-fhein ’na shineadh air a bheulaobh an dara uair mar chomharradh air cho taingeil ’s a bha e, agus anns an t-suidheachadh so, shil e gu frasach deoir taingealachd. Mu dheireadh an uair a ghuidh e gu durach gu ’n soirbhicheadh leis an righ anns gach doigh, ghabh e a chead dheth, agus chaidh e dhachaidh. Gun dail sam bith thoisich e ri deanamh deiseil air son an turuis, agus an ceann cheithir latha bha gach ni glan, deiseil air son falbh. Dh’ falbh e fhein agus a nighean is Agib, agus a mheud de sheirbhisich ’s de luchd-frithealaidh ’s a shaoileadh e a bhiodh feumail dhaibh. Chuir iad an aghaidh air an t-slighe gu Damascus, agus lean iad rompa gun stad fad naoi latha deug, ach gu’n robh iad a’ gabhail fois fad dubhagan na h-oidhche. Ach air an fhicheadamh latha rainig iad comhnard maiseach a bha beagan astair a bhaile Dhamascuis. Stad iad an sin, agus chuir iad suas am buthan aig bruaich ainmhne a tha ’ruith troimh ’n bhaile, agus a tha cur sealladh maiseach air an tir mu’n cuairt. Chuir an t-ard-chomhairleach roimhe gu’n cuireadh e seachad da latha anns an aite so, agus ’na dheigh sin gu’n gabhadh e air aghart air a thurus. Anns a’ cheart am thug e cead do’n mhuinntir a bha ’na chuideachd a dhol do Dhamascus. Chaidh a’ chuid mhor dhiubh ann. Chaidh feadhainn ann a ghabhail ioghnaidh dhe na seallaidhean ro mhaiseach a bha ri ’m faicinn anns a’ bhaile, agus chaidh cuid eile ann a reic caochladh sheorsachan bathair a thug iad leotha as an Eiphit, no a cheannach cuid dhe na nithean iongantach, annasach a bha ri an reic anns a’ bhaile. Thug a mhathair cead a dh’ Agib a dhol do ’n bhaile maille ri cach, agus dh’ ordaicheadh do ’n chaillteanach dhubh, am fhear do ’m bu ghnath ’bhith gabhail curam dheth falbh comhladh ris air eagal gu ’n eireadh beud dha. Chuireadh deise anabarrach riomhach air Agib, agus dh’ fhalbh e fhein agus am fear a bha ’g a choimheadachd do’n bhaile. Bha Agib na phaisde og cho maiseach ri h-aon a b’ urrainn suil fhaicinn, agus cha bu luaithe a chaidh e steach do ’n bhaile na bha aire an t-sluaigh gu buileach air a tarruinn g’ a ionnsuidh. Thainig cuid am mach as na taighean a chum sealladh na b’ fhearr fhaotainn dheth; bha cuid eile ag amharc am mach air na h-uinneagan; agus cha ’n fhoghnadh leis an fheadhainn a bha coiseachd air an t-sraid seasamh a shealltainn air ’san dol seachad, ach dh’ fheumadh iad a bhith ’coiseachd ri ’thaobh agus ’na dheigh leis an tlachd a ghabh iad dheth. A dh’ aon fhacal, cha robh neach a chunnaic e nach do ghabh tlachd dheth, agus nach d’ thug mile beannachd air an athair ’s air a’ mhathair a chuir a leithid de phaisde tlachdmhor a dh’ ionnsuidh an t-saoghail. Thachair dha fhein agus do’n fhear a bha gabhail curam dheth a dhol seachad air a’ bhuthaidh anns an robh Bedredin, agus bha ’n sluagh a bha ’g an cuartachadh cho dumhail ’s gu ’m b’ fheudar dhaibh seasamh far an robh iad. Fhuair an cocaire-phitheannan (pastry-cook) a ghabh Bedredin g’ a ionnsuidh mar a mhac fhein bas aireamh bhliadhnaichean roimhe sid, agus dh’ fhag e a’ bhuth agus gach ni eile a bhuineadh dha aig Bedredin. Agus mar so bu le Bedredin a’ bhuth, agus bha e ’deanamh a ghnothaich cho fior mhath ’s gu ’n do choisinn e cliu mor ann am baile Dhamascuis gu leir. An uair a chunnaic Bedredin an aireamh mhor shluaigh a bha ’n an seasamh aig a dhorus, agus iad uile ag amharc le mor-ioghnadh air Agib, agus air an duine dhubh a bha cuide ris, chaidh e fhein am mach gu sealladh ceart fhaotainn dhiubh. Cha bu luaithe a chunnaic Bedredin Agib na ghabh e tlachd anabarrach mor dheth, ach cha b’ urrainn e radh, c’ar son. Cha do chuir maise a’ phaisde mor-ioghnadh sam bith air mar a chuir e air daoine eile; ach bha aobhar eile ann, ged nach robh fhios aigesan air, air son gu ’n do tharruinn a chridhe g’ a ionnsuidh. B’ e faireachdainean athar a thaobh mic a thug air an obair a bh’ aige a leigeadh as a laimh, agus a thug air ceum a ghabhail far an robh Agib, agus, le aoidh air a ghnuis, a radh ris, “Mo thighearn’ og, a ghabh greim air mo chridhe, bi cho math ’s gu’n tig thu steach do ’n bhuthaidh agam a chum gu ’n ith thu rud dhe’n bhiadh a th’ agam; a chum g’m bi de thoileachadh agam beachdachadh ort air mo shocair fhein.” Labhair e na briathran so ann an doigh cho blath-chridheach ’s gu’n robh na deoir a’ sruthadh o ’shuilean. Dhruigh iad cho mor air Agib ’s gu ’n do labhair e ris a’ chaillteanach mar so, “Is toigh leam an coltas a th’ air aghaidh an duine choir so. Tha e labhairt ann an doigh cho caoimhneil ’s nach urrainn domh gun deanamh mar a tha e ’g iarraidh orm. Rachamaid a steach do ’n taigh aige, agus blaiseamaid na pitheannan a tha e ’deasachadh.” “Gu cinnteach ceart bu chiatach an gnothach dhutsa, mac ard-chomhairleach mar a tha thu, a dhol a steach a dh’ itheadh do bhuth cocaire. Na bidh ’smaointean gu’n leig mise leat a leithid de ni suarach a dheanamh,” ars’ an caillteanach. “Ochan! mo thighearn’ og,” arsa Bedredin, “is e gnothach eucorach do leithid earbsadh ri fear a tha cho cruaidh ort.” An sin thionndaidh e ris a’ chaillteanach, agus thuirt e ris, “Tha mi ’guidhe ort gun bhacadh a chur air an tighearn’ og so am fabhar a thoirt dhomhsa a tha mi ’g iarraidh air. Na cuir a leithid a dhoilghios orm. B’ fhearr leam gu’n tugadh tu dhomh a dh’ urram gu’n tigeadh tu fhein a steach comhladh ris. Chuireadh e urram araon ormsa ’s ort fhein; oir leigeadh tu ris do shluagh an t-saoghail gu ’m bheil nadar iriosal annad, ged tha thu ann an dreuchd ard, urramach. Chuir e mar so a leithid de bheul briagha air a’ chaillteanach ’s gu ’n do dh’aontaich e mu dheireadh gu’n leigeadh e le Agib a dhol a steach do’n bhuthaidh; agus chaidh e fhein a steach maille ris. Bha aoibhneas mor air Bedredin a chionn gu’n deachaidh iad a steach mar a dh’ iarr e orra. Ghrad thug e lamh air an obair a bh’ aige an uair a thainig iad thun an dorus, agus thuirt e, “Bha mi ’deanamh pitheannan-uachdair, agus tha mi ’n dochas gu ’m bi sibh cho math ’s gu’n ith sibh rud dhiubh. Tha mi deimhine gu’n cord iad ribh; oir is i mo mhathair a dh’ ionnsaich dhomh mar a dheanainn iad agus b’ aithne dhi an deanamh air leith math. Tha iad a tighinn as gach cearn dhe ’n bhaile g’ an ceannach uam.” An uair a thuirt e so thug e fear dhiubh as an amhainn, agus an uair a chuir e spiosraidh agus siucar air, chuir e air beulaobh Agib e, agus cha d’ fheuch Agib riamh biadh cho blasda ris, agus a thainig ri ’chaileachd cho math. Chuir e fear eile dhe ’n cheart sheorsa air beulaobh a’ chaillteanaich agus dh’ aidich esan mar an ceudna gu ’n robh e air leith blasda. [TD 50] [Vol. 7. No. 7. p. 2] Fhad ’s a bha iad ag itheadh, bha Bedredin gle churamach a’ gabhail beachd air Agib; agus an uair a bheachdaich e gu math air a rithist agus a rithist, smaoinich e gur docha gu’m faodadh a leithid de mhac a bhith aige fhein o ’n mhnaoi uasail mhaisich a phos e anns an Eiphit. Agus thug an smaointean so air teannadh ri sileadh nan deur. Bha e ’na inntinn ceisd a chur air Agib mu thimchioll a thuruis do Dhamascus; ach cha d’ fhuair e uine gu so a dheanamh, oir bha leithid de chabhaig air a’ chaillteanach gu tilleadh air ais ’s gu ’n d’ thug e leis Agib cho luath ’s a bha e ullamh dhe’n bhiadh. Cha bu luaithe a dh’ fhalbh an caillteanach agus Agib na ghrad dhuin Bedredin a’ bhuth, agus dh’ fhalbh e gu cabhagach ’n an deigh, agus rug e orra mu’n deachaidh iad am mach air geata ’bhaile. Ghabh an caillteanach ioghnadh mor an uair a chunnaic e gu’n robh e ’g an leantuinn. “A bheadagain mhimhodhail,” ars’ esan ’s e ’labhairt le feirg, “ciod a tha dhith ort?” “Mo charaid ionmhuinn,” arsa Bedredin, “na bi cur dragh ort fhein. Tha mi ’dol air cheann gnothaich am mach as a’ bhaile.” Cha robh an caillteanach idir riaraichte leis an fhreagairt so, agus air tionndadh ri Agib, thuirt e ris, “Is tusa ’s coireach ris a so; thuig mise gu ’m biodh aithreachas orm air son leigeadh leat do thoil fhein a dheanamh. Chuir thu romhad a dhol a steach do bhuth an duine so, agus cha robh mise glic an uair a leig mi leat sin a dheanamh.” “Is docha,” ars’ Agib, “gu ’m bheil gnothach sonraichte aig an duine am mach as a’ bhaile, agus faodaidh e an rathad a ghabhail mar a ghabhas daoine eile.” Am feadh ’s a bha iad a’ labhairt mar so bha iad a’ coiseachd taobh ri taobh, agus cha do sheall iad ’nan deigh gus an robh iad dluth air pailliuin an ard-chomhairlich. Suil gu’n d’ thug iad thar an guaille, chunnaic iad Bedredin ’g an leantuinn. An uair a chunnaic Agib gu’n robh e air chul an salach, bhuail an fhearg e; oir bha eagal air gu’m faigheadh a sheanair am mach gu’n robh e ag itheadh phitheannan ann am buth cocaire. Ghrad thog e cnapach math cloiche a thachair, agus bhuail e air Bedredin i ann an clar an aodainn, agus leig e ’fhuil gu talamh. An sin thug e ’chasan as cho luath ’s a b’ urrainn e, agus chaidh e am falach ann am pailliuin a’ chaillteanaich. Thuirt an caillteanach ri Bedredin gur ann aige fhein a bha ’choire ris na tubaistean a dh’ eirich dha, agus nach robh aobhar dha teannadh ri coire a chur air neach sam bith eile. Thill Bedredin air ais do ’n bhaile, agus e ’cur casg air an fhuil leis an aparan, oir cha d’ fhan e ri chur dheth leis a’ chabhaig a bh’ air an am falbh o’n taigh. “Nach bu mhi an t-amadan,” ars’ esan ris fhein, “an uair a dh’ fhalbh mi as an taigh gus a dhol an deigh a’ pheasain ud. Is cinnteach nach deanadh e orm mar a rinn, mur biodh e ’smaointean gu’n robh ’n am bheachd cron a dheanamh air.” An uair a rainig e an taigh, cheangail e suas an lot, agus thug e fois dh’ a inntinn fhein le bhith ’smaointean gu ’n robh iomadh neach eile air an talamh air an d’ thainig mi fhortan bu mho na thainig air fhein. Lean Bedredin air a’ cheird a bh’ aige ann an Damascus. An ceann tri latha dh’ fhalbh Schemsedin air a thurus feuch am faigheadh e forofhais air Bedredin. An deigh dha siubhal troimh iomadh duthaich agus taghal ann am moran bhailtean, rainig e Balsora mu dheireadh. Gun dail sam bith chuir e teachdaireachd thun an righ a dh’iarraidh cead a dhol a bhruidhinn ris. An uair a thuig an righ co e, agus gu ’n robh e ann an ard inbhe, dh’ iarr e thoirt gun dail ’na lathair. Dh’fheoraich an righ dheth ciod an gnothuch a thug do Bhalsora e. “Le’r cead a righ,” ars esan, “thainig mi feuch am faigh mi ’mach ciod a dh’ eirich do mhac Niuredin Ali, mo bhrathair. Bha mo bhrathair, mar a tha fhios agaibh, ann bhur seirbhis fhein mar ard-chomhairleach.” “Is fhad o ’n a dh’ eug do bhrathair Neuredin,” ars’ an righ. “Agus mu dheidhinn a mhic, cha ’n ’eil agamsa ri radh ach gu’n d’ fhalbh e as a so an ceann da mhios an deigh bas ’athar. Cha ’n fhacas a choltas, agus cha mho a chualas guth no iomradh m’a dheidhinn riamh o’n a dh’ fhalbh, ged a thug mise teann-ordugh forofhais a dheanamh m’ a dheidhinn anns gach cearn dhe’n rioghachd. Ach tha ’mhathair, nighean fir dhe na h-ard-chomhairlich a bh’ agam, beo fhathast anns a’ bhaile. An uair a chuala Schemsedin so dh’ iarr e cead air an righ a toirt leis do ’n Eiphit. Thug an righ sin dha. Air an latha sin fhein chaidh e fhein agus a nighean agus Agib, do’n taigh aice. (Ri leantuinn.) AN CEATHRAMH RIGH SEUMAS AGUS AN TIGHEARN OG. (Atr a leantuinn.) Faodaidh sin bhi cìnnteach gu ’n do lean a chàirdean ’eisimpleir. Bha fear-na-bainnse sàmhach; ach chìte ’shùilean a’ lasadh, agus àrdan a’ tighinn ’n a shròin, ’nuair dh’ eirich an coigreach air a bhonnaibh ’s a thuirt e—“Fhir Bhaile na Manach, a’ réir choltais cha’n ’eil cuireadh agadsa bhi so an nochd, agus a réir choltais cha’n e do bheatha—uime sin ma tha boinne de fhuil duin’-uasail annad, fàgaidh tu an comunn an sìth.” “’Ne sin do bheachd, ’oladh ladurna?” ars’ an Tighearn’ òg; “agus cò thusa féin, aig a’ bheil a’ chridhe labhairt riumsa air an dòigh so?” “Cha dean e eadar-dhealachadh cò mise,” ars’ an coigreach. “Cha’n ’eil mi ach a’ labhairt airson na cuideachd; agus tha fhios a’m nach ’eil a h-aon diubh nach ’eil de m’ bharailsa.” “’S mata a labhair thu, ’òlaich,” ars’ an Tighearn’ òg: “ach thàinig sinn a chur onair air an lànain òig, agus bithidh dreach eile air an oidhche mu’n dealaich sinn. So, ’ghillean; òlaibh.” “Ma tha thusa, cur romhad fuireach,” ars’ an coigreach, “’s éiginn dhomhsa falbh,” ’s e ’g eiridh gu bhonnaibh. Mu ’n d’ fhàg e ’n t-seòmar, thuirt e ’n cluas fir-na-bainnse—“Leig thusa,” ars’ esan, “a chùis gu m’ radhsa. Ciod air bith a nì no a their an duin’ ud, no a chomunn, na leig dad ort gus an till mise. Cha bhi mi thar deich mionaidean. So mo làmh gu socraich mise ’chùis.” Dh’fhag an coigreach an comunn, ’s an Tighearn òg ’s a chàirdean a’ cur a mach an teanga, ’magadh air. Chaidh e mar dha cheud ceum bho’n tigh, agus sheinn e fìdeag airgid, a thug scail as gach creig a bha mar mhìle mu’n cuairt. Co luath ’s a rinn e so, thill e; agus a thiota bha e ’n a àite, ri taobh fir-na-bainnse. “A Thighearn’ òig,” ars’ “esan, bha do chuideachd cho taitneach leam ’s gu’n do thill mi; cha dùraichdinn t-fhàgail.” “Tha thu air fàs tuilleadh a’s mimhodhail, a bhallaich,” ars’ an Tighearn’ òg, ’se glacadh a’ chlaidheamh; “cha leig mi so ni’s faide.” “Stad beag! ciall! ciall!” ars’ an coigreach, ’s e farcluis ciod a chluinneadh e bho ’n taobh a mach. Air a’ mhionaid so chualas farum eachraidh, fuaim chlaidhean agus focal comanda. A thiota, bha ’n tigh làn do oifigich ’s do shaighdearan, fo’n armaibh! “Thigibh air ur-n-aghaidh, ’ghillean,” ars’ an coigreach; ’nam biodh sibh mionaid na b’ fhaide, chaill mise mo cheann. Faicibh an duin’ uasal ud agus a ghillean,” ’s e comharrachadh a mach fear Baile na Manach, “glacaibh iad; ’s na stad na fois duibh ann an caisteal Shrìla, gus am faic mise ciod a nithear riu.” Cha luaithe chaidh am facal a ràdh na rinn saighdear greim air gach fear air colair na-h-amhach, g’ am breadadh a mach air an dorus, far an robh réisimeid each deas gus an cuibhleadh do Shrìla. Bha ìoghnadh nach bu bheag air luchd na bainnse, agus cha bu lugha ioghnadh an Tighearn’ òig, a thionndaidh air a’ shail, a cur roimhe gu ’m biodh fios ciod an lagh no ’n ughdarras a bh’ aig a’ choigreach esan agus a chàirdean a chur am priòsan. “Ciod no cò thu?” ars’ esan. “Cha’n ’eil dad mi-laghail anns a’ cheist,” ars’ an coigreach. “A Mhorair Marchbank, thig an so, agus innis do’n duin’-uasal so cò mise.” “’Ne nach aithne dha sibh!” ars’ am Morair. “Tha’n sin agad do Rìgh dligheach—Righ Séumas!” “An cuala tu riamh iomradh air a leithid sud do dhuine?” ars’ an Righ ris an Tighearn òg, le feth-ghàire. Cha robh comas aig an Tighearn’ òg facal a ràdh. “Cluinn mi, ‘Mhontgomeri,’” ars an Rìgh ’s e ’tarruing a mhailean a nuas air a shùilean; “ged nach aithne dhuitse mise, ’s fad bho na ’b aithne dhomhsa thusa. Cha’n ’eil stath agam an aghaidh thu dh’ iarraidh do mhàil; agus innis dhomhsa ciod a tha agad air fear-na-bainnse, agus theid a phaigheadh air a’ mhionaidsa. Rachadh fuil a dhòrtadh an nochd, agus thachradh gnothach maslach ’n am rìoghachdsa, mar bhith fior thuiteamais. A nis, chaidh do phàigheadh; agus gheibh thu féin ’s do bhalaich as, ma gheallas tu nach cuir thu gu bràth trioblaid air Riddell, no air a theaghlach; agus cuimhnich, ma chuireas, nach tig thu dheth cho saor.” Cha ruig sinn a leis ìnnse gu’n deach an gealladh a thoir seachad, agus leigeadh Tighearn’ òg Bhaile na Manach agus a chomunn air falbh. “Nis,” ars’ an Righ, “fhir-na-bainnse agus a chàirdean, bho na leighis mi ’chùis, ’s eiginn domh mo thuarasdal fhaotainn—’s e sin, pòg bho bhean-na-bainnse.” Gun tuilleadh a radh, chaidh e gu siobhalt suas far an robh bean-na-bainnse le ’ceann crom, agus rudhadh aingeil’ ’na gruaidhean. Phòg e i, chuir e slabhraidh oir m’ a muineil bàn-chraineach, agus ghabh e ’chead dhiubh. A thiota bha e ’n glaic a dhialaid, am meadhon a réisimeid eachraidh. Dh’fhàs Màiri agus a fear suas anns gach dòigh mar mhiann caraid le ’n teaghlach beag bòidheach. Phòs Seònaid duin’-uasal gasda, dlù air a piuthair; agus bho bheag gus a’ mhòr b’ iad fad’ iomadh ’bliadhna farmad nan coimhearsnach.—C. N. G. ’sa Highland News. (A’ chrioch.) MAC ’IC RAONAILL NA CEAPACH. Tha e coltach nach b’ urradh do dhaoine bhi ’n an tàmh aig baile ri àm cogaidh o chéin. Rachadh iad o dhùthaich gu dùthaich, o thir gu tir, a thogail chreach, co deas ’s a theid daoine ’nis gu malairt, no cosnaichean gu Galldachd. Chuala Mac-’ic-Raonuill na Ceapach gu ’n robh Fear Dheargachaidh ann an Còmhull, a bha ’n a churaidh ainmeil a Chloinn ’Illebhàin, air thurus an Eirinn, oir bha iad a’ dol thairis gu tric ’s an àm sin ’s a’ cur air aghaidh malairt agus ghnothuichean eadar an da rioghachd. Chaidh e siar mu dheas, agus chreach e Srath-Eachaig. Thill Fear Dheargachaidh dhachaidh, agus air cluinntinn an call mor a thainig air, am feadh a bha e air falbh, thog e air. Bha fios aige nach robh feum dha falbh gu folluiseach leis na dh’ eirich leis, oir co bha coltach ri fir dhana bhràigh Lochabar, ’s Mac-’ic-Raonaill na Ceapach air an ceann? ’s an robh e ri suidhe sios an deigh a chreachadh? ’S e so a rinn e: thog e air mar dhuine bochd a bhios a’ siubhal nan dorsan. Bha ’chlaidheamh an cleith fo luirich. Lean e gu dian air an luirg agus rug e orra aig Srachurra, far an do stad iad leis an spréidh. Bha iad a’ tilgeadh cloiche neart ’nuair bha e ’dol seachad. “So [TD 51] [Vol. 7. No. 7. p. 3] a sheann laoich,” arsa fear dhiubh, a’ thoirt dha na cloiche, “feuch do neart air sin, feumaidh tu a tilgeadh.” Thilg e i gun mhoran treise chur rithe “Feumaidh tu a feuchainn fhathast a bhodaich.” Thilg e i ’s chuir e tharpa uile. Thainig fear mor garbh, agus rug e air gu carachd. Rug fear na lùirich air, thog e o’n làr e agus thilg e air na clacha cruaidh e. Rug Mac-’ic-Raonuill air a ghunna ’s thilg e air a’ bhodach ladurna, laidir. Chrom Mac ’Illebhàin ’s leig e seachad am peileir; thilg e seachad an lùireach; leum e nunn—bha Mac-’ic-Raonuill fodha. Chuir e ’chas air a mhuineal, a chlaidheamh ruisgte ’na laimh, deas gu ’shàthadh ann nan éireadh a dhaoine as a leth. Thachair so uile ann am priobadh na sùl—sheall iad le ioghnadh. “Thoir do bhòid ’s do bhriathra dhomh,” arsa Fear Dheargachaidh, “gu ’n till thu ’chreach ’s gach ni thug thu leat, gu sàbhailte dhachaidh.” Rinn e sin, amhuil mar a gheall. Tha da ni r’a thoirt fa-near an so, a leigeas ris gné a’s nòis dhaoine ’s na h-àmaibh sin. Ciod a bheireadh air Mac-’ic-Raonuill na Ceapach dol cho fada o bhràigh Lochabar gu iochdar Chòmhaill a thogail creiche? A chionn gu ’n cual’ e iomradh air Fear Dheargachaidh a bhi ’na dhuine laidir, ’s gu b’ àill leis a chreachadh agus cliu a ghaisge féin a mheudachadh. A ris, nach robh misneach Mhic ’Illebhàin na bu choltaiche ri neach a chaill a thùr, ’nuair a chaidh e ’na aonar an deigh feachd? Cha ’n urrainn sinn aighnidhean dhaoine ’s na linntibh sin a bhreithneachadh; chaill e a chuid ’s bu cho-ionnan leis a bhi marbh ’s a bhi beò. Cha ghabhadh a h-aon do na daoine foghainteach sin tàmailt airson an t-saoghail; agus b’ ann le gniomhara mor a bha cliu agus alladh air a chosnadh. Ach tha ni eile ri ’thoirt fa-near,—focal aon diubh. Cha b’ ann airson luach na spréidhe ’bha daoine fiachail a’ togail chreach. Bha iad làn do mhor urram; bha Fear Dheargachaidh cho sàbhailte ’n uair a thug Mac-’ic-Raonuill na Ceapaich ’fhocal ’s ged a bhiodh e am measg a dhaoine fein. NA CARAICH. LE DONULL MAC CALUM. Beagan ùin’ an déigh do Chalum Brocair faotainn dhachaidh ás a’ prìosan chuir Para nam Feadag, àrd bhuachaille nam fiadh, fios air, os ìosal, agus dh’ fheòraich e dheth an ann às a’ bheachd a bha e ’n uair a chaidh e ’shealg mar gu’m b’ ann leis fein a bha ’m mona. Dh’ innis Calum dha mar thug an Gille Bàn an car as. “As déigh siod,” deir Para, “cha ghabh Sir Harold Tripod an t-seilg a’ nasgaidh Gheall an t-uacharan do Chaptain Goblets a’ cheud chroiteir ’rachadh a ghlacadh a sealg gu’n rachadh a’ chuir as an fhearann. A nis, a Chaluim, ma chuidicheas tu leam-sa Lorain agus an Gille Bàn a ’ghlacadh gheibh thu fhéin té de na craitean aca agus gheibh mis’ an té eile” “Ni mise,” deir Calum, “mo dhichioll. O’n nach eil aobhar amharuis ’s am bith aig Lorain orm, mar th’ aig a’ Gille feuchaidh mi air-san an toiseach.” Fhuair Lorain a mach gu’n do thaghail Calum air Para nam Feadag agus is math a bha fios aige nach b’e rud math sam bith a shuidhich iad. Ghabh Calum air a bhi anabarach mòr le Lorain agus gheall e gu’n cuireadh e air seòl e air am faigheadh e cothrom math seilg. Leig Lorain air gu’m bitheadh e, gu buileach, air a stiùreadh leis. Air an ath sheachdain thaghail Calum air Lorain, agus thuirt e ris gu ’n d’ fhuair e mach gu ’m biodh na Sasannaich ’s na gillean eile ’falbh ás an dùthaich air an ath Dhi luain, roimh bhriseadh an là, agus mar sin, air an là sin gum bitheadh cothrom math seilg aige. Leig Lorain air gu’n do chreid e, gu breagh h-uile lide dheth siod, agus thuirt e ri Calum—“Nach mis’, a bhalaich, tha d’ chomain. Faodaidh mi, mu ta, innseadh dhuit gu’n teid mi, air an là sin a shealg choinean air Eilean an Dùin. Na mharbhas mi dhiu cuiridh mi ann am poca bhith ’s leth-làn feamainn-chìrean, bhith ’s mi toirt dhachaidh do’n chrodh, agus ma thig duin’ orm falaichidh mi ’n gunna le suaineadh ann am’ pheitig mhuilichinnich. Air Di-luain, mar chaidh a shuidheachadh, thug Lorain an sgoth mu ’n cuairt nan Goban gu Eilean an Dùin. Lìon e poca de’n fheamainn-chìrean shuain e iaruinn, a thauir e air a chladach na pheitig mhuilichinnich. ’Nuair a bha ghrian a dol foidhe ciod a chunnaic e ach yacht nan Sasannach a deanadh dìreach air! Cha luaithe ràinig iad na dh’ éigh Para nam Feadag ris na gillibh—‘Ann an ainm an Rìgh glacaibh Lorain ’s gu ’n toir sinn gun dàil do’n phrìosan e. Sin na coinean a mharbh e ’s a’ phoca leis an fheamainn-chìrean agus an gunna air a shuaineadh ’s a’ pheitig mhuilichinnich. Cuiribh air bòrd air an yacht iad.” Chuir na gillean an céill an t-òrdadh. Chaidh Lorain a cheangal ’s a chuir air bòrd leis a phoca leis a pheitig mhuilichinnich. ’S e Captain Goblets a ’bheir a dhòigh ann a bhi faicinn Para nam Feadag a deanadh gnìomh cho tapaidh! “Well done, Par’ de Fedag,” ars’ esan, “here’s the bottle. Let us have a royal âran in honour of this victory over the enemy. Ghabh Para am botul á lamh a’ Chaptain, agus thug e dram do na gillean. Dh’ òl iadsan siod gu ruchanach. An sin ghabh iad an cùrsa do’n bhaile mhòr thoirt Lorain do’n phrìosan. Beagan mu ’n d’ ràinig iad thuirt an Captain ri ri Para—“Let us see what kind of gun the villan has and how many rabbits he has killed.” Rannsaich iad a pheiteag mhuilichinneach ’s am poca ’s tha fios agad dé nach d’ fhuair iad ’s dé fhuair iad! ’Nuair a chunnaic Captain Goblets mr bha ’chùis shaoil iad gu’n rachadh e ás a bheachd le feirg. Thill e leis an yacht agus dh’ fhàg e Lorain far an d’ fhuair se e. Chuir e mach Par’ de Fedag ’s na gillean uil’ air Eilean an Dùin. Cha robh ac’ ach a bhi faotainn dhachaidh as a sin mar a thàradh iad. Na caraich! LITRICHEAN EOGHAIN OIG. Chaidh na Litrichean a leanas a sgriobhadh a dh’ ionnsaidh an “Teachdaire Ghaelaich” ’s a bliadhna 1829, le Lachunn Mac Gilleathain á Eilean Chola—“Lachunn na Gaidhlig”—mar theirte ris. ’S e ar beachd gun taitinn iad ris an òigridh. Bheir sinn a reir iarrtus aon de ’r cairdean, te dhiu gach seachdain fhad ’s a mhaireas iad. Tuigidh ar luchd-leughaidh gu ’r e ’n Doctair Mac Leoid—“Caraid nan Gaidheal” a bh’ air stiùir an “Teachdaire.” Litir do Dh’ Fhear Ullachaidh an “Teachdaire.” UASAIL URRAMAICH,—Bha mi ann an comunn an oidhche-roimhe far an cuala mi iad ag ràdh gur a h-olladh ainmeil sibh, gu bheil ceann anabarach maith agaibh, ’s nach ’eil galar, mar h-e ’m bàs fein e, nach leighis sibh. Cha’n urrainn mise ainm a chur air mo ghalar, ach ’n uair dh’ innseas mi mar tha mi faireachdain cha’n eagal nach tuig sibh e. Tha caileag bheag bhòidheach anns an sgoil maille rium, ’s cha’n ’eil uair a sheallas i orm nach tig teas ann am aodann, agus nach fairich mi mar gu ’n rachadh gath ’n am chridhe. Shaoileadh neach gu bheil i tuigsinn gu’n d’ rinn i mo choire, oir ma thachras gu’n coinnich ar e sùilean a cheile, lasaidh a gruaidhean a thiotadh, agus seallaidh i air an lar. Och ’s e fàth mo ghearain nach ’eil i, do reir coslais, deigheil air mo chomunn, agus nach ’eil agamsa sonus, na socair, na sith ach ’nuair a tha mi na cuideachd-sa. Rachainn deich mìle thar monaidh ri re-dorcha a dheanamh a riar—’ar leam gum fàgadh e ait mi car mìos na ’n gabhadh i sràid uaigneach leam, agus O! bu mhise an duine sona, ged nach ’eil ni no earras aig a h-aon againn, na ’n abradh tus’ a Mharsali, gun posadh tu Eoghan! Cha’n ’eil fhios a’m ciod is coireach rithe, tha mi ’am oganach sgiolta tapaidh; tha mi o chionn ghoirid air fas stolda, ciùin, agus tha mi ’nis a toiseachadh ri duanagan òran feuch an cluinn i gur bard mi. Cha’n ’eil oidhche nach h-i mo smuain dheirionnach, cha’n ’eil maduinn nach h-i ceud chuspair mo bhreathnachaidh, ’s e bhi cluinntinn a h-ainme agus daoine a bruidhinn uimpe ceol is binne am chluasaibh, ach ma thachras gun abair iad gu bheil gaol aice air an fhear ud, no air an fhear ud eile, thig mar gu’m biodh laigse na m’ chridhe. Ghabh mi leth-sgeul an la roimhe gu dol do thigh a h-athar; thainig iad uile far an robh mi ach ise. Cha do leig mi bheag orm, ach thubhairt mi rium fein gu ’m fac i mi ’tighinn agus gun d’ fholaich ’si i féin; air a shon so cha do ghabh mi greim bìdh fad dà latha; ach dh’ fhoghlum mi rìs nach robh i aig an tigh. Chunnaic mi latha eile i a sraideamachd le òganach, thuirt mi rium fhéin ’se so Iain Dubh; las m’ anam le eud, ach chum mi falach e; chaidh mi dhachaidh is ghabh mi mo leaba, ach chuala mi ris gur h-e bh’ann a bràthair. Mar so air mo riasladh, cha’n ’eil biadh na deoch a gabhail orm. Am fear a b’ àbhaist a bhi bòidheach ruiteach, ’s ann tha e air fas tana glas-neulach. Duine their gu’n d’ rinneadh buitseachd dhomh ’s duine their nach ’eil orm ach dathagan. Cha’n ’eil ni a shaoileadh mo mhàthair a dheanadh feum nach d’ fheuch i, eadar sùgh ghilleacha-geula, ’s bainne blàth na buaile, ’s an leithide sin. Cha’n ’eil agam suim de chomunn na chòmhradh, cha’n ’eil uair is feàrr a ta mi na ’n uair a ghabhas mi sraid aonaranach a bheachd-smuaineachadh ’s ag osnaich; no theagamh gu’n toir mi fein agus Mactalla greis air seinn. Bu mhaiseach Edin le chuid gheug is crann, Ach ’s beag de dh’ aighear fhuair air n’ athair ann, Bu diomhain do na h-aingil maith bhi ’n dùil Gun cuireadh iad air aiteas le ’n cruit-chiùil; Bu diomhain do na h-eòin, air ob ’sair gheig Bhi cur ri ceol ’s an fheasgar bhoidheach chéit’; Bu diomhain do ’n t-sruth mhòr bhi cròn’aich dha. ’S do bheachan breac bhi srannaich ’measg nam blà, Cha robh na’n ceòl ach glòramas gun bhlas, Cha robh an Gàradh ach mar fhàsach ghlas; Bha Adhamh coir no ònaran fo ghruaim Gus ’n d’ fhuair e Eubh,’ a bhean a b’ éibhinn snuadh. Fuirichidh mi gu Feill-leathain feuch ciod a’ chomhairle bheir sibh orm, no feuch ciod an dòigh air an fheàrr dhomh deanamh suas ri Marsali, O feartan na h-ighinn so! dhall i mi le suilibh—thug i buaidh orm gun bhuille bhualadh—cheangail i mi gun slabhraidh—chuir á fèith-ghaire fo luinn-dubh mi! Is mise le mor-spéis bhur seirbhiseach umhail, EOGHAN OG. Eilean Chola, An coigeamh mios, 1829. FIOS-FREAGAIRT. Tha e fior gur Ollaidh sinne ach s duilich leinn airson Eoghain Oig nach Ollaidh-leighis sinn. Ach bheireamaid a chomhairle air tuille meas a bhi aige air fein na bhi na thràill do nighean air bith. Tha e ro pheacach an sealladh Dhe an cridhe thoirt do ni no do neach ach e fein. Leigeadh Eoghan Og air gu bheil e suarach mu Mharsali, agus math dh’ dh’fhaoidte nach bi i cho mor aisde fhein. Fàsadh Eoghan slan, agus is dòcha gu’m fas Marsali tinn. DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. [TD 52] [Vol. 7. No. 7. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth, ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 9, 1898. BISMARC. Am measg luchd-comhairle righrean an t-saoghail, cha robh ’na latha fein, laoch a bu mhodha ’s a bu treise na ’m Prionnsa Bismarc. Ruig e caann-uidhe ’thuruis agus tha e ’nis tosdach ann an suain a bhais. Tha e fior gu robh e tri agus ceithir fichead bliadhna an uair a chaochail e. Is iomadh spairn chruaidh a rinn e; is iomadh gniomh cudthromach a chriochnuich e; agus is iomadh euchd foghainteach a choisinn e air sgath tir dhùthchais agus airson morachd ’us neirt, ’us ainm na Gearmailt. Is ann bho dhaoine uasal a thainig e. Bha fuil laoch ghaisgeil ’us urramach a’ ruith ’na chuislean. Is ann bho ’mhathair—boirionnach flathail, tapaidh—a thug e na buaidhean iongantach a bhuineadh dha. Bha eanchainn laidir aige. Is e ceatharnach mor a bha ann, agus air an aobhar so, bha e follaiseach gle luath ’na bheatha gu deanadh e gniomharan mora ann an cuis no saothair air bith a roghnuicheadh e. Anns an oil-thigh ann an tus a laithean, nochd e gu robh e comasach agus neo-sgathach, agus misneachail; agus nach cumadh eagal no cladhaireachd air bith air ais e, nam b’ aill leis dol an aghaidh beachdan ’us abhaistean aig an robh moran cairdean dileas agus seasmhach. Cha do ruith e ’chuairt anns an oil-thigh gun nithean cearbach a dheanamh a thug doilgheas da an uair a dh’ fhas e ’na fhear-comhairle do righ Phrussia. Chunnaic e gle mhoch nach robh a’ Ghearmailt mar bu choir dhi ’bhi. Bha moran de righrean ’us de phrionnsachan beaga, straiceil innte. Is ann aig Austria a bha ’n t-ughdarras a bu mhodha ann an riaghladh na Gearmailt, agus aig a’ cheart àm, bha e fior nach bu Ghearmailtich idir a bha ann am moran de na daoine ’s de na treubhan thairis air am bheil an t-Iompaire Ioseph a’ rioghachadh. Is ann aig Francfort a b’ abhaist do Phàrlamaid na Gearmailt cruinneachadh airson cuisean na dùthcha ’riaghladh. Bha Pàrlamaid air chor eiginn aig gach righ beag, proiseil dha fein. Bha e ’cur gu Francfort, fear, no luchd-comhairle, a bha mallle ri luchd-comhairle a thainig o rioghachdan eile na Gearmailt, a’ tabhairt aire do nithean cudthromach na dùthcha gu h-iomlan. Am feadh a bha e fathast ’na dhuine òg, fhuair e eolas air Uilleam, a bha ’na righ ’na dheigh so ann am Prussia, agus a bha fa-dheireadh air ’ardachadh gu bhi ’na Iompaire na Gearmailt. Dh’ aithnich Uilleam air ball gur e duine comasach, laidir, mearganta ’bha ann am Bismarc, agus thug e cairdeas agus comhnadh sonruichte do ’n fhear-comhairle òg, ghleusda, chumhachdach so. Bha Uilleam agus Bismarc ag altrum nam beachdan ceudna mu dheibhinn an ughdarrais a bhuineadh do righrean Phrussia. Bha iad le ’cheile ’creidsinn gu robh na righrean air an ardachadh gu mor os cionn gach luchd-comhairle, agus maithean ’us daoine ’bha ’tuineachadh anns an dùthaich. Rinn Bismarc suas inntinn gle thrath gu cuireadh e crioch air Pàrlamaid Fhrancfort; gu cuireadh e sios cumhachd Austria; agus gu togadh e Prussia gus an inbhe ’b’ airde, ’s a bu mheasaile, agus gu cuireadh e mu dheireadh an crun—mar Iompaire na Gearmailt—air ceann Uilleim, a charaid caoimhneil fein. Bha ’n obair eagallach duilich agus mor a ghabh Bismarc os laimh. Cha robh ’na latha, fear-comhairle eile air an t-saoghal, a bha co treubhach, seòlta, aiginneach, surdail ris fein. Bha e car uine bheag aig cuirt Ruisia, agus ann am Paris agus an Lunnainn. Fhuair e mar so, eolas air a shon fein, air righrean ’us luchd-comhairle na Roinn-Eòrpa gu leir. Is maith a bha fios aige gu feumadh e comhnadh ’fhaotainn de dheoin no d’a aindeoin, bho na rioghachdan a bha ’n an coimhearsnaich aig a’ Ghearmailt. Is ann da fein a b’ aithne meud ’us treise no laigse nan righrean ’us nan iompairean ’fhaicinn agus a’ cnuasachadh. Fhuair e air aghaidh gu tapaidh agus gu luath ann an cuisean a dhùthcha fein a riaghladh agus a stiuradh. Chuir e roimhe crioch a chur air uachdaranachd Austria ann am Pàrlamaid na Gearmailt. Rinn Prussia ’us Austria cogadh le ’cheile an aghaidh Dhanmairc. Fhuair iad buaidh air an rioghachd bheag, thapaidh so, ’s thug iad uaithe da roinn bheartach. Ann an uine ghearr fhuair Bismarc aobhar no leth-sgeul cogaidh an aghaidh Austria, chum gu bristeadh e gu brath cumhachd na rioghachd sin anns a’ Ghearmailt. Ann an roghadh nan ceannard, (Bhar Moltce) bha fear-cuideachaidh glic, tuigseach, foghainteach aig Bismarc; ceannard airm a bha ’na aite fein, co comasach, innleachdach, cinnteach ris an ard-fhear-comhairle fein. Shonruich Bhar Moltce ’mach cuairt a’ chogaidh an aghaidh Austria, mun deachaidh claidheamh a tharruing as a thruaill. Thoisich an cogadh, agus an uine gle ghoirid thug Prussia buaidh ann an stri nan lann air Austria agus air rioghachdan eile a bha an taobh a stigh de ’n Ghearmailt. On thug e ’cumhachd o Austria, fhuair Bismarc ceum fada air aghaidh. Naisg e ri ’cheile ’n cuibhrionn mu thuath de ’n Ghearmailt, agus choisinn e ainm ’us cliu co mor agus co iongantach, ’s gu robh eagal air righrean na Roinn-Eòrpa roimhe. Bha Iompaire nam Frangach a’ tabhairt oilbheum dha, agus ghabh e ’n a cheann smachdachadh geur, goirt a thabhairt do na Frangaich. Thug an t-Iompaire Napoleon cothrom, ’na amaideachd bhochd, do Bhismarc gairm air na Gearmailtich gu leir, cuideachadh a dheanamh leis ann an cogadh an aghaidh nam Frangach. Bha cuimhne bhrònach, gheur anns a’ Ghearmailt air gach call, ’us trioblaid, ’us tamailt a dh’ fhuiling an dùthaich ’s a daoine bho ’Bhonapairt, ann an latha ’chumhachd agus uabhair. Bha Bhar Mholtce ’s a cheannardan agus feachd na Gearmailt deas ’us easguidh airson a’ chogaidh. Bha an ceannard àluinn, min-eolach, air gach cnoc, ’us gleann, ’us baile, ’s daighneach anns an Fhraing. Thoisich an cogadh. Chaidh an righ Uilleam agus Bismarc maille ri cach leis an fheachd a dh’ ionnsuidh na comhstri. Bhuaidhich gu h-iongantach leis na Gearmailtich. Chaidh an Fhraing isleachadh gu buileach. Bha daoine ’saoilsinn gu robh Bismarc ’us Bhar Mholtce ’dol a chiosnachadh na Frainge, ’s a dol a chur an ughdarras fein suas ann am Paris. Striochd na Frangaich. Thug iad suas Alsace ’s Lorraine, da roinn ghasda, thorach a tha faisge air a’ Ghearmailt. Thoilich na Frangaich cis no suim eagalach airgid a phaigheadh. Agus a nis on bha ’n saoghal gu leir a’ moladh gaisge ’s euchdan na Gearmailtich, on bha gach Gearmailteach a’ tabhairt taingealachd bho dhurachd anma do Bhismarc agus doibhsan a bha saoithreachadh leis, dh’ arduich Bismarc an righ Uilleam gu inbhe uasal, urramach. Chaidh an righ eireachdail so ’chrunadh mar Iompaire na Gearmailt aig Versailles, agus ann an luchairt maiseach as iomraiteach righrean na Frainge. Chriochnuich mar so, an laoch treun, aghartach, mor-chuiseach, an obair dhuilich, gharbh, chruaidh a ghabh e os laimh, am feadh a bha e fathast òg. Mairidh ainm ’s a chliu ’na dhùthaich fein agus ann an dùthchannan eile, oir is e fear-comhairle buadhach, ealanta a bha ann; agus faodar briathran Oisein mu Fhionn a labhairt mu dheibhinn Bhismarc: Ach seasaidh thu, athar, leat fein; Co e coimeas righ Sheallama nam feart.” Is iomadh sochair ’us obair mhaith a rinn Bismarc do na Gearmailtich. Bha ’n t-Iompaire Uilleam agus e fein daonnan ’n an cairdean dluth agus ionmhuinn. Cha robh, mo thruaighe! an t-Iompaire Frederic ach uine ghoirid ’na iompaire ’nuair a thainig am bàs air. Is e duine glic, ceanalta, blath-chridheach a bha ann. Cha do nochd an t-iompaire òg am meas agus an taingealachd do Bhismarc, air an robh an laoch aosmhor airidh. Dh’ fhag am Prionnsa Bismarc Berlin, agus thainig crioch air a ghliocas ann an cuisean mora na Gearmailt. Chaochail e ’na dhachaidh agus air oighreachd fein, agus tha ’Ghearmailt a’ deancaoidh ’us tuireadh goirt, on thainig am bàs air caraid dileas, reachdmhor, ard-inntinneach, agus ard-chridheach na Gearmailt, d’ an tug e gradh blath anma. CONA. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt. R. Mac Neill, Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C, B [TD 53] [Vol. 7. No. 7. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thachair sgiorradh cunnartach do ghill’ òg, York Pass, anns a bhaile so, air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e-fhéin us gill’ eile cluich le daga nuair a dh’ fhalbh an urchair aisde, agus chaidh am peilear an sàs ’na chorp. Tha e a nise á cunnart, agus air a dhol gu math am feobhas. Toiseach na linne so rinn na Greugaich ar-a-mach an aghaidh na Tuirce, agus an ceann àireamh bhliadhnaichean fhuair iad an saorsa. De na Greugaich a bha anns a chogadh sin, cha ’n eil an diugh beò ach aon duine, lighiche d’ an ainm Mavrogenis, agus tha e ceud bliadhna dh’ aois. Tha e fuireach comhla ri piuthar dha, a tha deich bliadhna na ’s sine na e-fhéin. Chaidh soitheach-seolaidh d’ an ainm “Jessie M.” a ghlacadh faisg air St. Ann’s, Di-satharna s’a chaidh, agus luchd de stuth laidir ’s de thombaca aic’ air bòrd. Bha fear Aonghas Moireastan agus dithis ghillean òga air an t-soitheach mar sgioba. Thatar ag radh gu ’m b’ fhiach na bha air bòrd ceithir mile ’s coig ceud dolair. Buinidh an soitheach do chuideigin ann a Halifacs. Bha an t-side toiseach na seachdain so gle bhlàth; tha cuid a dhaoine dhe ’n bharail gum b’ iad so na na lathaichean ris an robh dùil againn meadhon an t-samhraidh, ach ’s fheudar gabhail riutha ge b’e àm a thig iad. Tha na tuathanaich a faighinn deagh chothrom air an cuid feoir us buana a chur fo dhion, cothrom air an robh roinn mhor dhiubh gle fheumach. Bha moran feòir a mach air feadh na dùthcha gus o chionn gle ghoirid. Tha Breatunn, a reir coltais, a cur roimpe ma thig cogadh, nach bi ise gun a bhi ullaichte air son gach nàmhaid a dh’ fhaodas éiridh na h-aghaidh. Tha i an dràsda a dol a chur suas daighneachd ùr air eilean Mhic-an-Aba, ann an acarsaid Halifacs. Tha an Riaghladh an deigh fearann a cheannach, agus tha na gunnaichean ’s gach inneal-chogaidh eile a bhios anns an daighneachd gu bhi dhe ’n t-seorsa ’s ùire ’s a’s fhearr a ghabhas faotainn. Tha réiseamaid eile, a bharrachd air na th’ ann an dràsda, ri bhi air a cur a nall do ghearasdan Halifacs, air chor ’s gu ’m bi am baile sin air a dheagh dhion. Tha sgeul air tighinn á Austria, ag innse gu bheil dileab mor air tigh’n air nighinn bhochd a bha roimhe so ag obair ann an stor beag ann am baile Vienna, air leth-dolair ’san latha. Chaochail a h-athair, air an robh barail bhochd aice fhein ’s aig gach neach eile, ach air do ’n tigh anns an robh e fuireach a bhi air a rannsachadh, fhuaireadh fiach da no tri millean dolair de dh’ òr ’s de notaichean am falach ann an tuill ’s ann an sgaran. Dh’ fhàg e tiomnadh anns an robh deich muillean dolair air fhagail aig a nighinn—air cnumha nach toireadh i sgillinn dheth seachad air son cuideachadh le bochdan, eaglais, tigh-eiridinn no cuspair sam bith dhe ’n t-seorsa sin. Nach ann air an nighinn a thainig an da latha! Tha Dreyfus bochd, a bha air a dhiteadh gu h-eucorach ’s air fhògradh as an Fhraing o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, ri bhi air fheuchainn a rithist, agus cha ’n eil teagamh nach bi e air a shaoradh. Air an t-seachdain s’a chaidh, dh’ aidich Còirneal Henri, fear de dh’ oifigich an airm Fhrangach, gu ’m b’ esan a sgriobh litir àraidh a bha air a cur air Dreyfus, agus a bha air a h-uisneachadh a chum ditidh an duine thruaigh sin. An deigh dha an t-aideachadh sin a dheanamh, thainig Henri ri bheatha fhéin. Cha ’n eil teagamh nach robh Riaghladh na Frainge lan fhiosrach air neo-chionta Dhreyfuis, ach dhiùlt iad uair us uair cothrom a thoirt dha air e-fhéin a shaoradh. Ach tha cuisean a nise air an deanamh cho follaiseach ’s nach urrainn dhaibh gun cheartas a thoirt dha. Ann a Wales, bha àireamh mhor de na mèinnean guail dùinte o chionn da mhios no còrr, agus an luchd-obrach a diùltadh an còrr obrach a dheanamh gus an àrdaichte an tuarasdail. O chionn ghoirid, dh’ aontaich na maighistearan beagan a bharrachd a thoirt dhaibh, agus tha na daoine nise air a dhol air ais gu ’n obair. Chaidh gill’ òg a mharbhadh anns a Mhèinn a Tuath, Di-haoine s’a chaidh, Seumas Mac-an-Tòisich, aois shia bliadhn’ deug. Dh’ fheuch e ri leum air bocsa guail, ach chaill e a ghreim; thuit e fo na cuidhlichean agus bha a cheann air a phrannadh, ’s cha robh e beò tiotadh. Bhuineadh e do Mhèinn Chaledonia, agus chaidh a chorp a thoirt dhachaidh gu bhi air adhlacadh. Tha muinntir na seann dùthcha a fàs gle mheasail air im Chanada. Tha e nise faotainn na h-aon phris ann an Sasunn ’sa tha im Denmark—im a bha riamh roimhe so a faotainn pris na b’ fhearr na im duthcha sam bith eile. Tha so na dheagh mhisneachd do thuathanaich na dùthcha so, agus bu chòir dhaibh a bhi dichiollach ann an cumail suas an deagh chliù a tha an cuid ime air a chosnadh. Tha nise mu sheachd mile de na Galacianaich ann an Canada, an deigh fearainn a thogail anns an Iar Thuath. Tha cuid a dhaoine dhe ’n bharail gu bheil gu leòr dhiubh ann, agus nach bu chòir do ’n riaghladh leigeil leis a chòrr dhiubh tighinn, gus am faicear gu de ’n seorsa dhaoine bhios annta. Bhiodh sin glé iomchuidh, ach mar a tha cùisean an dràsda, cha ’n eil e an comas an Riaghlaidh an cumail as an dùthaich; cha ’n eil lagh ann leis an gabhadh bacadh a chur orra. Chaochail minìstear d’ am b’ ainm an t-Urr. Edward Allen, ann an Tiverton, an Sasunn, o chionn seachdain no dha ais. Cha ’n eil teagamh nach b’e am pears-eaglais bu shine bh’ air an t-saoghal: bha e ceud bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois. Sguir e a shearmonachadh anns a bhliadhna 1839, agus e ann an droch shlàinte. Dh’ innis na dotairean dha gu robh tinneas a chridhe air, agus nach robh dòigh aige air a dhol am feobhas. Bha e beò tri fichead bliadhna an deigh sin, ni a tha dearbhadh gu ’n teid aig na dotairean air a bhi am mearachd cho math ri muinntir eile. Tha cuid de ar leughadairean air nach urrainn dhuinn a thoirt a chreidsinn gu bheil facal firinn anns na “Sgeulachdan Arabianach.” Tha iad dhe ’n bharail nach eil annta ach na tula-bhriagan, agus cha ’n eil math dhulnne no do neach eile dhol a ràdh àicheadh. Ach cha ’n eil an fheadhain sin a cur dragh no iomguin sam bith oirnn. ’Se ’n fheadhain a tha cur iomguin oirnn, ’sa tha cumail tàmh na h-oidhche uainn, iad sin nach eil a creidsinn gu bheil sinn ag innse na firinn, nuair a bheir sinn iomradh air gach cosguis fo ’n deachaidh sinn air son am MAC-TALLA a mheudachadh ’sa dheanamh na ’s taitniche d’a leughadairean, agus cho feumach ’sa tha sinn air airgead gus a chosguis sin a dhioladh, ’s gus am paipear a chumail air adhart. Tha roinn mhor diubh sin ann, barrachd mor ’s bu mhath leinn a bhi ann. Cha chuir iad suim sam bith ann an gearan an fhir-dheasachaidh, cumaidh iad an t-airgead a tha dligheach dhàsan nan sporanan féin, leughaidh iad am paipear gu cùramach, (eadar sgeulachdan us eile), innsidh iad d’ an coimhearsnaich gach ni éibhinn agus annasach a chi iad ann, ach cha toir iad smaoin air an fhear-dheasachaidh no air na clò-bhualadairean a tha le mor shaothair a cur a phaipeir an uidheam—tha iad cearta coma dhiubh; mur teid aca air a bhi beò gun an cuid fhein fhaotainn, rachadh iad a thigh Iain Ghròt, ’s fanadh iad ann! Fhir a tha leughadh, am bheil thusa air àireamh na feadhnach ud? Ma tha, feuch nach fhada bhitheas! Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deidh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AM FLUR a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ($3.00) gu Ceithir us Tri Chairteil ($4.75). Is Flur math e cuideachd. ALASDAIR MARTUINN. SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, Sidni, C. B. [TD 54] [Vol. 7. No. 7. p. 6] RUARAIDH MOR AIR TAGHADH LUCHD-PARLAMAID. LE IAIN MAC CORMAIG. Is mòr an dragh agus an ùpraid a tha feadh na dùthcha a nis an uair a thàtar a’ taghadh buill ùra a dhol do’n Phàrlamaid; agus is mor an t-eadar-dhealachadh a tha ceangailte ris a’ ghnothach so an diugh nach robh ann bho chionn còrr agus trì fichead bliadhna ’n uair bha mise og. ’S an àm sin cha robh còir no cothrom aig duine a ghuth a thogail an àm taghadh na Pàrlamaid, ach luchd-fearainn mhòra mar a tha Fear-a’-Choire, Eòghan-a’-chnuic, Lachunn an t-Srath chaoil ’s an seòrsa sin; ach a nis, a mhic chridhe tha ’n darna duine cho math ris an duin’ eile—’s tha a’ chrois a ni Seumas breac nam marag le ’làmhan fuar pliutach an déigh tighinn as an traigh fhaochag, a cheart cho math agus a’ seasamh a cheart uiread ri té bàillidh no ministeir. Bho shean ’sann a bhiodh tu ag ainmeachadh gu folleaiseach ainm an fhir sin a b’ annsa leat, gun fhiamh gun eagal ach an diugh ’sann a dh’ fheumas tu snàgadh a stigh do chùil dhuibh mar gu ’m biodh an dearg mheirleach ann, agus an déigh dhuit do chrois a chur mu choinnimh ainm an fhir a’s miann leat tillidh tu mach gu sàmhach stòlda ’s tha ’n gnothuch seachad. Aig an Taghadh mu dheireadh chaidh mi fhein air son na ceud uaire a leigeil ris gu’n robh mi murrach air Fear-Pàrlamaid a thaghadh. ’S ann ’san tigh sgoil a bha ’n cruinneachadh. Cha robh mòran sgil agam fhein air a’ chùis mar tha fhios agad, ach chuir mi romham gu’n deannainn mar a b’ fheàrr a dh’ fhaotainn. Ghabh mi stigh do’n bhothan-thaghaidh mar their iad ris: shìn an Siorram dhomh paipear bàn, agus thug mi a chuilidh orm—cùl a’ bhrait bhàin. Sheall mi air an ùrlar agus thòisich mi air breathnachadh mar so—“Nach iongantach an gnothach,” arsa mise rium fhéin, “gu’n tàinig a leithid de dh’ atharrachadh air lagh na rioghachd, agus sin ri m’ latha fhéin, gu ’m faod duine bochd mar tha mise aig nach ’eil ach aona mhart agus caora mhaol, le da sgrioch de’n pheann feartan Pàrlamaid Bhreatunn a thilgeadh bun os cionn. MacPharlain no Poltalloch ma ta. Co fear dhiu ni Ruairidh ’na dhuine sona a nochd.” “Ciod e air an t-saoghal a tha ’gad chumail a stigh ’sa’ chuilidh sin cho fada a Ruairidh?” arsa cuid-eigin air mo chulaobh. Chlisg mi, oir co bha so ach an Siorram. “Nach ’eil fhios agad nach ’eil e ceadaichte do dhuine sam bith tiota a chur seachad a stigh a sin? Thig a mach cho luath ’sa rinn thu riamh e. An deachaidh tu chadal? “A Shiorraim,” arsa mise, “tha mi smaoineachadh gu’m bi e ceaart dhiubhse bhi daonnan a’ cumail air chuimhne nach ’eil annaibh ach seirbhiseach paighte na Stàid, agus comhla ris a sin gu bheil e fada an aghaidh an lagh dhuibhse no do h-aon eile tighinn a chur dragh ormsa na air duine ’sam bi eile anns a’ gnothach so. “Ach tha feadhain eile ag iarraidh a stigh, a Ruairidh,” ars’ an Siorram. “Ma tha,” arsa mise, “biodh foighidinn aca gus am bi mise réidh. Cha ’n ’eil fhios-agam an tigeadh iad fhéin a mach cho deas ’g am leigeil-se a stigh. ’N uair a thig duine an so tha còir aige sealltainn air ais a liuthad bliadhna ’sa sheas a’ Phàrlamaid, agus a h-uile Achd, math agus olc a thug iad dhuinn—a thomhas air meigh mar gu ’m b’ eadh—ach an fhiach i ath-bheothachadh; agus gabhaidh sin moran ùine. Cha ’n ’eil teagamh nach bu choir cuilidh na dha eile de ’n t-seòrsa a bhi agaibh, ach o nach ’eil, so am fear nach ’eil dol a dh’ fhulang ’chionn nach do rinn sibhse ur dleasdanas.” Le so a ràdh tharruing mi nall a chùrtainn agus dhruid mi mach an Siorram ge b’ oil leis e. “Faodaidh daoine,” arsa mise rium fhein, “a radh gu’m bu chòir dhomh a h-uile ni tha so a shocrachadh aig an tigh. Ach có tha cosd air an obair so, có ach mise ’s mo leithid ’s c’arson nach gabhainn fiach m’ airgid—tha’n dile mhòr a mach ’s tha mise gu seasgair a so.” Anns na smaointean a bh’ agam chuala mi ceum coise a’ tighinn, agus co a chuir a stigh a cheann ach Para Ruadh nan giomach. “Mach a sin, a Ruairidh, cho luath ’sa bheir do chasan thu, tha thu fada gu leòir a turrachadal a stigh a sin.” “Théid thusa ’mach co dhiu agus sin gle chlis,” arsa mise. “Na biodh eagal ’sam bith ort nach tig mise mach cho luath ’sa ni mi mo ghnothach. Cuimhnich ’ille math gu’n do phàigh mise m’ airgid-bhochd gu dìleas agus gu h-onarach, agus a bharrachd air a sin tha mi m’ fhoirfeach ’san eaglais agus tha còir agam tighinn a so an diugh a thaghadh Fear-Pàrlamaid a reir mo choguis; agus cuimhnich nach ’eil e ceadaichte dhuitse no do dh’ fhear eile tighinn a chur dragh orm, agus theagamh thoirt orm leis a’ chabhaig crois a chur ’s an àite cheàrr, agus de b’ fhiach m’ obair na dhéigh sin.” Tharruing mi ’n sgàil-bhrat air ais a rithisd agus dh’ fhalbh e, ’s gun e idir toileach. Eadar a h-uile ùpraid a bh’ ann bha mo cheann a’ fàs goirt agus smaointich mi gu’n robh cho math dhomh tighinn gu co-dhùnadh air chor-eigin. Bha mòran ùp àp aig an dorus agus air eagal gu’m biodh am Ministeir am measg chàich chunna mi gu ’m b’ fheàrr dhomh rudeigin a dheanamh. Chuir mi mach mo cheann seach a chùrtainn aon uair uile agus arsa mise—“A Shiorraim, am biodh e ceart dhòmh-sa facal no dhà de chomhairle a thoirt do na fir a tha ’g iarraidh a stigh do ’n Phàrlamaid a sgriobhadh air a’ phaipear so?” “Bithidh,” ars’ esan, “ceart gu leòir, a Ruairidh, ach greas a mach.” “Air ar socair a Shiorraim,” arsa mise, “tha dhith ormsa an gnothuch a dheanamh ‘ceart’ cho math ri gu ‘sgiobalta’—cha’n e a mhilleadh air fad, agus dol thairis air a rithisd, a chur tuille cosdais air an dùthaich ’s gu leoir oirre mar tha.” Thug mi stigh mo cheann a rithisd, sheall mi air a’ phaipear, ach bha e glé dhuilich dhomh a dheanamh a mach co dha a bheirinn mo chrois. Ma bha puing mhath aig an darna fear bha puing a cheart cho math aig an fhear eile, ach an deigh sin uile bha taobh blàth agam ris an darna fear nach robh agam ris an fhear eile. ’S e rinn mi mu dheireadh, rud a tha mi smaointeachadh a bha gle cheart, agus a b’ urrainn duine ’s am bith a dheanamh, thug mi dhaibh crois an t-aon. ’N uair a chaidh mi mach shìn mi’m paipear do ’n t-Siorram ’s gu ’m faiceadh e cho cothromach, ’sa rinn mi mo dhlaasdanas. Rug e air agus cha b’e idir a chur anns a’ chiste mhòir còmhla ri càch a rinn e. Phaisg e gu cùramach e agus chuir e na phòc e agus ’n uair a bha mi falbh thuirt e gu’m b’ fheàrr leis gu’n robh a h-uile duine ’san dùthaich cho soilleir rium. Tha mi cinnteach gu’n d’ innis e h-uile facal dheth do’n Mhinistear. SLIOCHD AN TRI FICHEAD BURAIDH. Cha’n eil fhios agam an cuala do luchd-leughaidh seann sgeulachd a b’ abhaist a bhi ga aithris ann an cuid a chearnan d’ an Ghaidhealtachd, mu dha bhrathair a thog orra air an aon latha ’s a dh’ fhag tigh an athar, ’s a thug an saoghal mu’n cluasan, a dh’ fheuchainn cia mar shoirbhicheadh leo. Chaidh fear dhiubh aon rathad, agus am fear eile rathad eile. An deigh daibh a bhi uine mhor air falbh, agus iad le cheile air beairteas a dheanamh, tha e coltach gu’n do bhuail e an ceann an da barthar aig an aon am gu’n tilleadh iad air an ais d’ an duthaich fein a rithist. Thog iad orra le ’n sliochd ’s le ’n cuid spreidh; agus a reir na h-eachdraidh, bha deich fir fhichead de shliochd aig gach fear dhiubh. Ge b’ e ciod am fortan no am mi-fhortan a bha ’g an stiuireadh, thachair an da bhuidheann air a cheile ann an gleann air bun cnuic ris an abrar, ma ’s math mo bheachd, Sliabh-an-tuim, ann an Creignis. Bha ghrian air dol fodha agus am feasgar air claonadh air a leithid de dhoigh ’s ma chunnaic an da sheann duine a cheile nach d’ aithnich an darna brathair am brathair eile. Shuidh an da chuideachd a leigeil an sgios agus a ghabhail greim bidh—sliochd an darna fir crioman beag a suas am bruthach, agus cach aig iochdar a’ ghlinne. Tha e coltach gu’n do thilg fear de’n feadhain a bha gu h-ard rud-eigin a nuas orrasan a bha gu h-iosal, aon chuid d’a dheoin no gun fhios, no gu ’n d’ thug e aobhar faoin air chor-eigin daibh a’ smaoineachadh gu’n robh iad a’ deanamh tair’ orra, agus ciod a bha air no dheth ach gu’n d’ eirich na feara; ruisg iad an claidheamhan, ’s am badaibh a cheile ghabh iad “gun fhios co bu Chalum.” Is e bu deireadh do ’n chomhstri nach d’ fhagadh duine beo de na bha ’n sin ach an da sheann duine. An uair a chunnaic iad an sgrios a rinneadh am measg an cuid cloinne, mheas iad gu’n robh an t-am sgur; shuidh iad air cnocan agus thoisich iad air feoraich mu eachdraidh cach a cheile, an uair, ciod a b’ iongantaiche leo ’fhaicinn na gu ’m b’ iadsan an da bhrathair a dhealaich bho chionn uine cho fhada. Ma bha seorsa toileachaidh aca a cheile ’choinneachadh bha mulad gu leoir orra bhi faicinn an leir-sgrios a thug an goraich ’s am braisead air an tri fichead oigeir a bha ’n an laidhe gun chli aig an casan. Riabh uaith sin theirear “Sliochd an tri fichead burraidh” ris an fhine Ghaidhealach a tha ’giulan an aon ainme riutha. Na ’n innsinn co iad cha ’n ’eil fhios agam nach cuirinn miothalachd air Cloinn-Chaluim! Buaidh le Breatunn. Fhuair an t-arm Breatunnach buaidh mhor anns an t-Soudan Di-satharna s’a chaidh. Bha blàr air a chur faisg air Omdurman, agus bha ceud mile de na Dervishes ann mu choinneamh ceithir mile fichead de na Breatunnaich. Lean an t-stri bho mhoch gu dubh; nochd na Dervishes gaisge agus cruadal nach bu bheag, ach chaidh an latha nan aghaidh gu dona, agus b’ fheudar dhaibh an ruaig a ghabhail, a fàgail cóig mile deug dhe ’n àireamh marbh air an làraich. Tha an seanalair Kitchener agus a chuid shaighdearan gle thoillteanach air cliù air son cho math ’sa chaidh aca air naimhdean an dùthcha a chisneachadh. Tha bratach Bhreatunn a nise a’ snamh os cionn Khartoum, an t-àite anns an d’ fhuair an Gordonach cliùiteach bàs o chionn tri bliadhn’ deug air ais, agus tha uachdranachd aig Breatunn thairis air an t-Soudan gu h-iomlan. Ionnsaidh air Beatha ’n t-Sair. Chaidh ionnsaidh a toirt air Sàr Ruisia a mhort air an t-seachdain s’a chaidh. Bha aige ri dhol air turus troimh bhaile-mor Mhoscow, agus rinn iad-san a bha air son cur as da tigh a bha air an t-slighe a lionadh le gas, agus bha fear dhiubh ri fuireach ann agus solus a lasadh nuair a bhiodh an t-Iompaire dol seachad, an dùil gun cuireadh spraidheadh a ghas, an tigh as a cheile ’s gun biodh an urra rioghail air a mharbhadh leis na spealgan. Bha an duine sin cinnteach gum biodh e fhóin air a mharbhadh. Air doigh-eigin chaidh e air iomrall, agus las e an solus mu’n d’ thàinig an Sàr; chaidh duin-uasal agus a bhean a mharbhadh, ’s chaidh mu dheich duine fichead a leonadh, ach bha an Sàr tearuinte. ’Se duine d’ am b’ ainm Kolonoff a rinn an gniomh; fhuaireadh a chorp am measg doighnich an taighe, ’se air a reubadh gu h-eagallach. Am bheil thu air son a’ Ghàilig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna. [TD 55] [Vol. 7. No. 7. p. 7] Ar-a-mach ann an Crete. Bha droch thuasaid eadar na Mahomedanaich agus saighdearan Breatunnach ann am baile Chandia, an Crete, toiseach na seachdain so. Bha na Breatunnaich a chur Chriosduidhean a stigh mar oifigich anns na taighean-cosbuinn; bha so a cur ua feirge air na Mahomedanaich, agus air do sgiorradh tachairt leis ’n do mharbhadh fear dhiubh, bhrist iad a mach an aghaidh nan saighdearan. Bha còrr us fichead de na Breatunnaich air am marbhadh, agus suas ri leth-cheud air an leonadh. Bha soitheach-cogaidh Breatunnach anns an acarsaid aig an am, agus loisg i air a bhaile, ’s chaidh moran dheth a chur na theine. An sgeul mu dheireadh a fhuair sinn, bha cùisean air fas beagan na bu shitheile, agus theagamh gun d’ thàinig crioch air an iorghail roimhe so. Am Feillire. SEPTEMBER, 1898. 1 Dior-daoin Blar Sedan, 1870. 2 Di-haoine Teine mor Lunnainn, 1660. 3 Di-satharna Bas Chromwell, 1658. 4 DI-DONAICH 13mh Donach na Trianaid. 5 Di-luain Breith Raibeirt Mhic Fhearghais, 1750 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin 8 Dior-daoin Glacadh Sebastopol, 1855. 9 Di-haoine Bas Chaluim Chille, 597. 10 Di-satharna (9) Blar Flodden, 1513. 11 DI-DONAICH 14mh Donach na Trianaid. 12 Di-luain Glacadh Chuibeic, 1759. 13 Di-mairt Bas Uilleam Pitt, 1806. 14 Di-ciaduin 15 Dior-daoin 16 Di-haoine Bas Sheumais VII, 1701. 17 Di-satharna Seisdeadh Dhuneideann, 1745 18 DI-DONAICH 15mh Donach na Trianaid. 19 Di-luain Clo-bhualadh a cheud leabhair, 1471. 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin Bas Sir Walter Scott, 1832. 22 Dior-daoin Blar Sliamh-a-Chlamhain, 1745. 23 Di-haoine 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH 16mh Donach na Trianaid. 26 Di-luain Crùnadh Uilleam Rufuis, 1087. 27 Di-mairt 28 Di-ciaduin Bas Dheorsa Buchanan, 1582 29 Dior-daoin Breith Morair Nelson, 1758 30 Di-haoine Breith Uileim Chuimein 1715 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 6, M. 37 F. An Solus Ur, L. 15, U. 7, M. 56 F. A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 10, M. 25 F. An Solus Lan, L. 29, U. 6, M. 54 F. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. MAC-TALLA “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 56] [Vol. 7. No. 7. p. 8] Coire-Cheathaich. LE DONNACHADH BAN MAC-AN-T-SAOIR. ’Se coire-cheathaich nan aighean siubhlach, An coire runach, is urar fonn, Gu lurach, miad-fheurach, min-gheal, sughar, Gach lusan fluar bu chubhraidh leam; Gu molach, du-ghorm, torrach, luisreagach, Corrach, pluranach, dlu-ghlan, grinn; Caoin, ballach, ditheanach, canach, misleanach, Gleann a’ mhilltich, ’san lionmhor mang. Tha falluinn dhuinte, gu daingeann, dubailt’, A mhaireas uine, mu ’n ruisg i lom, Do ’n fheur is cul-fhinne dh’ fhas na h-urach, ’S a bharr air lubadh le driuchda trom, Mu choire-guanach nan torran uaine, A’ bheil luibh a’s luachair a suas g’a cheann; ’S am fasach guamach an cas a bhuana, Nam b’ aite cruaidh e, ’m biodh tuath le ’n suim. Tha trusgan faoilidh air cruit an aonaich, Chuir sult is aoidh air gach taobh a d’ chom, Min-fheur chaorach is barra bhraonan, ’S gach lus a dh’ fhaodadh bhi ’n aodan thom, M’an choir’ is aoidheala tha r’a fhaotainn, A chunna’ daoine an taobh so ’n Fhraing; Mur dean e caochladh, b’e ’n t-aighear saoghalt’ Do ghillean aotrom bhi daonnan ann. ’S ann mu ’n Ruadh-aisridh dh’ fhas na cuairteagan, Cluthor, cuachanach, cuanar, ard, Na h-uile cluaineag ’s am barr air luasgadh, ’S a ghaoth ’g an sguabadh a null ’sa nall: Bun na cioba is barr a’ mhilltich, A’ chuiseag dhireach, ’s an fhiteag cham; Muran brioghor, ’s an grunnasg lionmhor, Mu ’n chuile dhiomhair, am bi na suinn. Tha sliabh na lairig an robh Mac-Bhaidi, ’Na mhothar fasaich, ’s na straca trom; Slios na ban-leacainn, cha ’n i is taire, ’S gur tric a dh’ araich i ’n lan-damh donn: ’S na h-aighean dara nach teid ’na bha-thigh, A bhios le ’n alach gu h-ard ’nan grunn, ’S na laoigh gu h-uiseil a la ’sa dh’ oidhche, ’S na h-uiread cruinn diu air druim Clach-fionn. Do leacan caoimhneil, gu dearcach, braoileagach, Breac le faoireagan is cruinn dearg ceann, ’N creamh ’na chathraichean, am bac nan staidhrichean, Stacan fraoidhneasach nach bu ghann: Am bearnan-brìde, ’s a pheighinn rìoghail, S an canach min-gheal, ’s am mislean ann; ’S a h-uile mir dheth, o’n bhun is isle Gu h-ionad cirean na crich is aird’. ’S riomhach cota na creige moire. ’S cha ’n eil am folach a’ d’ choir ’san am, Ach mionan-coinntich, o ’s e bu nosaire, Air a chomhdachadh bhos is thall: Na lagain chomhnard am bun na sronag, Am bi na sobhraichean, ’s neoinean fann, Gu bileach, feoirneanach, milis, roineagach, Molach, romach, gach seors’ a th’ ann. Tha mala ghruamach, do ’n bhiolair uaine, Mu ’n h-uile fuaran a th’ ann san fhonn; Is doire shealbhag aig bun nan garbh-chlach, ’S an grinneal gainmhich’ gu meanbh-gheal pronn; Na ghlugan-plumbach air ghoil gun aon-teas, Ach coileach buirn tighin’ a grunnd eas lom, Gach sruthan uiseal ’na chuailean cul-ghorm, A’ ruith na sputa, ’s na luba steoll. Tha bradan tarra-gheal ’sa choire gharbhlaich, Tha tigh’n o’n fhairge bu ghailbheach tonn, Le luinneis mheamnach a’ ceapa’ mheanbh-chuileag, Gu neo-chearbach le cham-ghob crom: Air bhuinne borb, is e leum gu foirmeil, ’Na eideadh colgail bu ghorm-glas druim, Le shoislean airgid, gu h-iteach, meana-bhreac, Gu lannach, dearg-bhallach, tarr-gheal sliom. ’S e Coire-cheathaich an t-aithir priseil, ’S an t-aite rioghail mu’m bidht’ a’ sealg, Is bi’ feidh air ghiulan le lamhach fudair, A’ cur luaidhe dhu’-ghorm gu dlu nan calg: An gunna gleusda, ’s an cuilean eutrom, Gu fuileach, feumanach, treubhach, garg, A’ ruith gu siubhlach, a’ gearradh shurdag, ’S a dol g’a dhubhlan ri cursan dearg. Gheibhte daonnan mu d’ ghlacaibh faoine, Na h-aighean maola, na laoigh, ’s na maing; Sud bu mhiann leinn am maduinn ghrianach, Bhi dol g’ an iarraidh, ’s a’ fiadhach bheann, Ge d’ thigeadh siantan oirnn’ uisg’ is dile, Bha seol g’ar dideann mu ’n chrich san am, An creagan iosal am bun na frithe, ’S an leaba-dhiona, ’s mi ’m shineadh ann. ’S a mhaduinn chiuin-ghil, an am dhomh dusgadh, Aig bun na stuice b’e ’n sugradh leam; A’ chearc le sgiucan a’ gabhail tuchain, ’S an coileach cuirteil a’ durdail crom; An dreathan surdail, ’s a ribheid chiuil aige, A’ cur nan smuid dheth gu lughor binn; An druid ’s am bru-dhearg, le moran uinich, Ri ceileir sunntach bu shiubhlach rann. Bha eoin an t-sleibhe ’nan ealtainn gle-ghlan, A’ gabhail bheusan air gheig ’sa choill, An uiseag cheutach, ’s a luinneag fein aice, Feadan speiseil gu reidh a’ seinn: A chuag, ’sa smeorach, am barr nan ogan, A’ gabhail orain gu ceolmhor binn: ’Nuair ghoir an cuannal gu loinneil guanach, ’S e ’s glain’ a chualas am fuaim ’sa ghleann. ’Nuair thig iad comhla na bheil a’ d’ choirse Do ’n h-uile seorsa bu choir bhi ann; Damh na croice air srath na mointich, ’S e gabhail cronain le dreocam ard; A’ dol san fheithe gu bras le h-eibhneas, A’ mire-leumnaich ri eildeig dhuinn; Bi sin an ribhinn a dh’ fhas gu mileanta, Foinneamh, finealta, direach, seanng. Tha mhaoisleach chul-bhuidh air feadh na duslainn Aig bun nam fiuran ’g an rusga’ lom, ’S am boc gu h-utlaidh ri leaba chuirteil, ’S e ’ga burach le rutan crom; ’S am minnean riabhach bu luime cliathaich, Le chuinnean fiadhta, is fiadhaich’ ceann, ’Na chadal guamach an lagan uaigneach, Fo bharr na luachrach ’na chuairteig chruinn Is lionmhor cnuasach a bha mu ’n cuairt duit, Ri am am buana, bu luaineach clann, Ri tionnal guamach, gu fearail, suairce, ’S a roinn gu h-uasal na fhuair iad ann; Ceir-bheach ’na cnuacaibh, ’s an nead na chuairteig, ’S a’ mhil ’ga buannachd air cruaidh an tuim, Aig seillein riabhach, breaca srianach, Le ’n cronan cianail is fiata srann. Bha cus r’a fhaotainn do chnomhan caoine, ’S cha b’ iad na caochagan aotrom gann, Ach bagailt mhaola, bu taine plaoisg, A’ toirt brigh a laoghan nam maoth-shlat fann; Srath nan caochan, ’na dosa caorainn, ’S nam preasa caola, lan chraobh a’s mheang; Nan gallan ura, ’s nam faillean dlutha, ’S am barrach duinte mu chul nan crann. Gach aite timchioll ’n am fasach iomlan, Mam a’s fion-ghleann, ’s an Tuilm ’ga choir; Meall-tionail laimh ris, gu molach, tlathail, B’e chulaidh dh’ arach an alaich oig; Na daimh ’s na h-eildean am maduinn cheitein; Gu moch ag eiridh air reidhlean feoir; Greidhean dhearg dhiu air taobh gach leargain Mu ’n choire gharbhlaich, da’n ainm an Ceo. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $4.00 Sia miosan, 2.00 Tri miosan, 1.00 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. C. H. HARRINGTON & CO. NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. [TD 57] [Vol. 7. No. 8. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER, 16, 1898. No.8. BEATHA AGUS EUCHDAN AN RIDIRE UILLEAM WALLACE. Earrann I. (A CUAIRTEAR NAN GLEANN) A Chuairteir Uiseil,—Ar leam féin nach ’eil seòrsa leughaidh ann is druidhtiche, agus is fhaide a leanas ri neach, na eachdraidh beatha dhaoine. Tairgeam dhuibh, uime sin, beatha agus euchdan an Ridire Uilleam Wallace—duine nach ’eil firionn no boirionn ’san dùthaich aig nach bu chòir ’eachdraidh a bhi air bàrr am miar. Co ’n t-Albannach nach teid air bhoil, ’S nach teid an fhuil ’na chliabh air ghoil, Mar bhuinne reothairt dol roi’ chaol, A chluinneas ’ainm! sar aimn an laoich! Bu mhac Sir Uilleam do Shir Callum Wallace, agus do nighean do Shir Raonull Crawford. Rugadh e ann an Inbheràir, ri linn Righ Alasdair III., o chionn a nis còrr a’s cóig ceud ’us leth-cheud bliadhna. Chaidh an righ so ’mharbhadh le leagadh bhàrr ’eich anns a’ bhliadhna 1286, a’ fàgail na rioghachd aig paisde de nighinn, ogha dha, agus nach b’ fhad a mhair beò. Bha nis an rioghachd gun oighre, agus thòisich Baliol agus Bruce ri streap ris a’ chrùn; agus o nach robh e coltach gu ’n cordadh iad, leig iad a’ chùis gu raidhe Iomhair I., righ Shasuinn. ’Nuair chunnaic righ Shasuinn mar bha, ’se smuainich e gu ’n glacadh e crùn Alba dha féin, agus gu ’n cuireadh e Alba uile fo chìs—gu ’n deanadh e tràillean dh’ inn! ’Sann mar sin a bha. Chuir e armailte mhor a nuas á Sasunn; agus thug iad buaidh air Baliol, no Righ Iain, mar theirte ris, aig Dunbar. Bha nis Albainn làn do shaighdearan Sasunnach, ag itheadh, ’s ag òl, ’sa ruithteireachd—ri sgeig, ’s ri tarcuis, ’s ri fòirneart, air firionn ’us boirionn, air saor ’s air daor! Bha Wallace air an àm a’ fuireach ann an Cillspindi, an siorramachd Pheairt, a’s e na fhiùran àluinn, òg. Beagan na dheigh so, chaidh e do bhaile Dhundee do ’n sgoil; agus air do mhac Sasunnaich mhoir tàmailt a thoirt dha aon latha, chuir e ’n ceann dheth le ’chlaidheamh féin. B’ éiginn teicheadh. Lean an tòir e gus am fac iad e dol a stigh do thigh air an rathad. Dh’ innis Wallace do bhean-an-tighe mar bha; agus a thiota bha e ann an aodach boirionnaich, le ’chuigeil ’na chrios; agus co ’sheinneadh an duanag, ’sa chuireadh car ’san fhearsaid coltach ris-san! Thainig an tòir, agus dh’ fhalbh mar thainig. An lar-na-mhàireach, chaidh Wallace gu brathair-athar dha, a bha dlùth do Shrìla, gus an ceann ùine an d’ thainig a mhàthair gu ’thoirt dhachaidh; ach mu ’n d’ rainig iad Ellerslie, mhortadh ’athair agus a bhràthar bu shinne leis na Sasunnaich. Cha d’ thubhairt Wallace a bheag; ach bha ’thosd mar am fiath a thig roi ’n mharcachd-shìne, ’nuair chumas Nàdur a h-anail le giorag roi’ ghruaim nan dùilean. Bhòidich e aicheamhail—bhòidich e gu ’n tugadh e mach éirig ’athar agus a bhràthar, airneo gu ’n tuiteadh e sa’ chaonnaig. Dh’ at a chridhe, leum a chuisle, ri bhi faicinn nan Sasunnach gach latha, cha b’e a mhàin a’ deanamh tom-coin de na h-Albannaich, ach ’gam mort ’s ’gam marbhadh le fala-dhà! Co dhiubh, chunnaic e gu ’m b’e ’n gliocas dha tigh Chrawford, a sheanair, fhàgail ’san àm, agus e féin ’fhalach ann an tigh bhrathair-athar, Sir Raibeart Wallace, ann an Riccartown, baile beag mar mhìle do Chill-Mharnoc. Latha de na làithean, chaidh Wallace a dh’ iasgach gu uisge Irving; agus co chaidh seachad, air a thurus do Ghlaschu, ach Morair Percy, fear-ionaid righ Shasuinn, agus a fhreiceadain comhaideachd. Chaidh am Morair seachad; ach an coignear mu dheireadh d’a bhuidheann, thubhairt iad riu féin gu ’n spùileadh iad an t-iasgair. Chaidh iad a thaoibh thuige, agus thubhairt iad ris, “Thoir an so na mharbh thu, ’bhallaich.” Ars’ esan, “Bheir mi dhuibh dà-thrian dhiubh.” “Dà-thrian diubh, a mhadaidh Albannaich!” ars’ iadsan, ’s iad a sgobadh leò gach ceann a ghlac e. Tharruing Wallace an t-slat iasgaich, agus le aon bhuile bha fear dhiubh ’sa chasa-gobhlach os a cheann. Thug e dheth a chlaidheamh, agus ann an cóig mionaidean bha dithis eile dhiubh brùchdadh fola anns a’ ghainmhich. Chuir dithis dhiubh spuir ri ’n eich, agus dh’ innis iad do Mhorair Percy mar thachair; ach ghabh esan leithid do thàmailt gu ’m faigheadh aon Albannach a rugadh a’ chuid a b’ fhearr de choigear Shasunnach, ’s nach tilleadh e ’thoirt a mach an éirig. Coma, chaidh Wallace dhachaidh air a shocair, le ’iasg, le ’chlaidheamh, ’s le ’each meanmnach an t-aon, e féin ’sa ghille! Beagan na dheigh so, bha faidhir ann an Inbheràir. Bha fios aig Wallace gu ’m biodh na Sasunnaich an so a’ deanamh foirneart air na h-Albannaich, mar b’ àbhaist; agus chaidh e chum na faidhreach ann an riochd duine chumanta. Am measg chleasan eile, bha bully mor de Shasunnach air a’ mhachair, a bha toirt cuireadh do gach Albannach, airson an uiread-sa do dh’ airgiod a phàigheadh, buille do bhata ’thoirt dha air an dronnaig le ’uile neart. Bha iomad fear a’ pàigheadh, ach cha robh a h-aon a’ toirt aideachadh air a’ bhully. Chunnaic Wallace an cleas le toil-inntinn. Coltach ri càch, phàigh e ’airgiod. Ghlac e ’m bata, agus a dh’ aon bhuille sgoilt e ’n Sasunnach ’na dha leth. Leum na Sasunnaich a bha làthair gu greim a dheanamh air Wallace, agus a mhort. A’ cheud fhear a thainig, fhuair e ’chlaigionn a sgoltadh leis a’ cheart bhata. Tharruing Wallace a nis a chlaidheamh, a bha ’m folach fo chirb a chleòca; agus mu ’n robh fios aca c’ àite an robh iad, bha cóigear eile marbh air an làr. Chunnaic e nis nach robh e soirbh fuireach ni b’ fhaide. Dhialaich e troimh mheadhon na cuideachd, agus a thiota bha e ’n glaic a dhiallaid, agus beireadh air co ’s urrainn! Ach, mo chreach! cha robh Wallace co fortanach ’san ath iorghuill. Aon latha, ann am baile Inbheràir, chunnaic e maor Morair Phercy a’ toirt tàmailt do ghille an t-Siorram, agus a’ toirt uaithe, ’dheoin no dh’ aindeoin, na cheannaich e airson a mhaighstir. Chaidh Wallace anns an eadraiginn; ach ’nuair chunnaic an Sasunnach gu ’n robh a’ dhànachd aig Albannach a rugadh a theang’ a ghluasad ris-san, thug e spreadhadh de ’n bhata dha mu ’n dà shlinnean. “Gabh thusa sin, a choin,” ars’ esan. Tharruing Wallace a bhiodag, a’s chuir se i troimh ’n t-Sasunnach o thaobh gu taobh, agus dh’ fhàg e ’n sud e. Bha Sasunnaich fo ’n armaibh a faire a’ bhaile. ’Nuair chunnaic iad mar thachair, chruinnich iad mu ’n cuairt do Wallace; ach bha esan ’gan gearradh sios leis gach buille, mar gu ’m biodh buachaille cur nan ceann bharr dhìogan, gus mu dheireadh an d’ rinn a chlaidheamh dà-leth, agus am b’ éiginn striochdadh. Chaidh e nis a chuir an iaruinn anns a’ chaisteal, a’ feitheamh ri bàs cràiteach; ach ’nuair thainig an latha, cha mhor nach robh e marbh le cion bìdh ’us dibhe. ’Nuair chunnaic iad so, thilg iad thar a’ bhalla e; ach, mar bha fortan an dàn, thuit e air dùn aolaich, no sitinn. ’Nuair chual a mhuime so, chaidh i agus ghuidh i as leth Dhia a chorp a thoirt dhi. Fhuair i so; agus a thiota fhuair i cairt, agus thug i ’chorp dhachaidh d’a tigh, agus an ceann beagain thug i beò e. Cha luaithe dh’ fhairich ar laoch e féin a fàs làidir, na smuainich e gu ’m bu mhithich togail air an aghaidh naimhdean a dhùthcha. Chunnaic e lann lìobha an crochadh ann an cùil an an tigh a mhuime. Ghlac e ’n claidheamh. Chunnaic e gu ’n robh a’ chruaidh air a deadh fhoinneachadh. Dh’ fhàg e beannachd aig a mhuime, agus thug e ’aghaidh air Riccartown. Air an rathad choinnich e ridire Sasunnach d’ am b’ ainm Longcastle, agus a dhithis ghillean. ’Nuair chunnaic Wallace iad, chaidh e ceum thar an rathaid, ’gan seachnadh; ach lean iadsan e, ag radh gu ’m b’ éiginn gu ’m bu mheirleach e. “Leigibh as mi, ’dhaoin’-uaisle,” ars’ esan; “cha ’n eil mi ach an droch shlàinte.” “Cha leig,” ars’ an ridire, ’s e tighinn bhàrr ’eich gus a ghlacadh; “feumaidh tu tighinn leamsa mar phriosanach.” Tharruing Wallace a chlaidheamh á ’truaill, agus thug e bruideadh dha a leig a mhionach mu ’chasan. Leum na gillean a thoirt a mach éirig; ach cha b’ fhada gus an robh an cinn an sud, ’s an cuirp an so. Chuir e air armachd an ridire, ’s cha b’e an t-òr cuid bu mheasa dheth. Leum e air muin ’eich, agus air aghaidh ghabh e. Fhuair Wallace a nis buidheann bheag do dhaoine taghta a ghiùlan a bhrataich, agus a mhionnaich gu ’n leanadh iad e troimh gach cunnart. Chaidh iad ’nan armaibh, agus dh’ fhalaich siad iad féin ann an collle mhoir dlùth do Loudon, a’ feitheamh ri fàth fhaotainn air na Sasunnaich. An ceann beagan làithean, fhuair Wallace a mach gu robh Fenwick, a’ cheart fhear a mharbh ’athair agus a bhràthair, a tighinn a mèarsadh o Charlisle gu Inbheràir le baggage. Dh’ at a chridhe. Chuir e ’dhaoine an òrdugh. Choinnich iad na Sasunnaich ann am beallach cumhann, mar dhireas tu ’n sliabh. Thòisich an iomairt; agus ged nach robh aig Wallace ach leth-cheud fear an aghaidh dlùth air dà cheud, a’ chuid nach do mharbh iad, theich iad; agus thug Wallace leis a’ chreach do ’n choill. Bha leithid do dh’ eagal air Sasunn a nis roimh Wallace, ’s gu ’n d’ rinn iad sith ri Sir Raonull Crawford, brathair-a-mhàthar: ach cha b’ fhad’ a sheas i; oir, air do Wallace a bhi, le ’dhithis ghillean, aon latha a marcachd gun umhail, rinn cóigear Shasunnach suas ris, a bha tighinn á Glaschu le òr agus usgraichean a bhuineadh do [TD 58] [Vol. 7. No. 8. p. 2] Phercy. O’n bha ’n eich féin air an sàrachadh, dh’ fhalbh iad agus thugar a thri eich o Wallace. Ruith Wallace gu brathair-a-mhàthair. Dh’ innis e gu ’n deach an t-sith a bhriseadh. Mach a thug e an deigh nan Sasunnach. Beirear orra. Marbhar triùir dhiubh le ’làimh féin, agus a ghillean an dithis eile. Thug e leis a’ chreach, agus thug e féin ’sa dhaoine monaidhean Earraghàidheal orra. Air alaban o choille gu coille, thainig Wallace agus a dhaoine mu dheireadh gu Gargunnock, gearastan a bha làn do Shasunnaich. Chuir e dithis d’a dhaoine air feadh na h-oidhche, feuch an robh bealach idir air am faighte fàth. Thill an dithis lan misnich. Dh’ fhalbh Wallace ’sa dhaoine. Mharbh iad a h-uile mac màthair, agus ghlac iad an gearastan; ach leig iad leis na mnathan falbh mu chul an gnothaich, gun bheanalt ri ribein do dh’ fholt an cinn. Bha barail mhath aig Wallace ciod a thigeadh na dheigh so; uime sin, chaidh e do choille Mhethven, mar bheagan mhìltean do bhaile-mor Pheairt. Bha nis moran ag éiridh leis. Am measg na dhruid suas ri ’mheirghe, bha Eirionnach foghainteach d’ am b’ ainm Stephen—saighdear dileas, agus co làidir ri triùir. Smuainich Wallace gu ’n tugadh e dhàsan comannd an airm, agus gu ’n rachadh e féin agus dusan no dha do bhaile Pheairt, a bha fo chis aig na Sasunnaich, an t-arm dearg. ’Nuair ràinig iad geat’ a’ bhaile, cha ’n fhaigheadh iad a stigh gun fios a chuir air a’ Phrothaiste. Thainig am Prothaiste, agus ’nuair chunnaic e duine mor, àrd, làidir, dh’ fharraid e am b’ Albannaich iad. Thubhairt Wallace gu ’m b’ eadh; agus co ac’ a b’ eadh no nach b’ eadh, an àm sìth, nach robh reusan neach a chumail a mach. “Tha thu ceart,” ars’ am Prothaiste; “ach tha fear Wallace, a deanamh a leithid do mhilleadh am measg na Sasunnaich, ’s gu feum sinn a bhi air ar faicill. Co thusa?—c’ ainm a their mi riut?” “’S e m’ ainm-sa,” arsa Wallace, “Uilleam Malcom. Is deasaich sinn gu leir, ag iarraidh oibreach.” Chunnaic Wallace nach robh feum fiachainn ri Peairt a thoirt a mach; ach coma leat, chual e gu robh an Sasunnach brùideil, Sir Seumas Butler, sa’ bhaile, agus ri dol dhachaidh an latha no dhà gu caisteal Kingleven. Mach a ghabh Wallace. Sheinn e ’n fhideag. Chruinnich a dhaoine. Rinn iad foill-fholach ri taobh an rathaid; agus ’nuair thainig Sir Seumas, leum iad air, agus mharbh iad e féin agus còrr ’us tri fichead fear. A’ chuid eile, theich iad do ’n chaisteal; ach ma theich, bha Wallace air an sàil. Ghlac agus chreach e ’n caisteal, agus an sin chuir e sop teine ris. ’Nuair chuala Sir Iain, mac Shir Seumas, gu ’n deach ’athair a mharbhadh, mach a thug e air cheann mile fear, an tòir air Wallace. Rainig iad a’ choille. Cha robh aig Wallace ach fichead fear-saighde; ach aig Sir Iain bha seachd fichead, a thuilleadh air tri fichead fear-sleagha. Ghlac Wallace a thargaid agus a bhogha—bogha nach lùbadh neach an Albainn ach e fein—agus leis a’ cheud shaighead, leag e Sasunnach. Thug so fras shaighdean o na Sasunnaich, a leòin moran de na h-Albannaich, agus, am measg chàich, Wallace e féin. ’Nuair chunnaic e so, dh’ òrduich e d’a dhaoine an saighdean a chuir ’nam builg, agus an claidheamh-mor ’s an t-sleagh fheuchainn doibh. Leum iad a nis air an nàmhaid, ’gan gearradh sios mar dhiogain roimh bhat’ a bhuachaille. Mu ’n àm so, thainig trì cheud fear fuar, fo chomannd fir Lorn, a chuideachadh an nàmhaid. ’Nuair chunnaic Wallace so, thubhairt e r’a dhaoine—“Deanamaid air na cinn-fheadhna, agus cuireamaid as doibhsan, airneo chaill sinn an latha agus ar beatha!” Cha bu luaithe ’thubhairt na rinn. Leum iad troimh bhalla an nàmhaid, gus an d’ rainig iad na cinn-fheadhna. Fhuair Sir Iain agus Lorn an onoir tuiteam fo chudthrom claidheamh-mor Wallace. ’Nuair chunnaic na Sasunnaich mar thachair, thionail iad gus an cinn a chuir r’a cheile ciod a dheanadh iad. ’Nuair chunnaic Wallace so, mach ghabh e féin agus a dhaoine air taobh tuath na coille, agus thugar coille eile orra. Lean na Sasunnaich, ach cha robh fhios aca c’àite an robh iad a ’dol. Fhuair iad cuirp an da sheanalair, Butler agus Lorn; ach an òr agus an eich, cha robh fios c’àite an robh iad so! Cha robh aig na Sasunnaich ach tilleadh do Pheairt, ’s an earball ’nan gobhal; agus ma bha biuthas a’ cheatharnaich Wallace mor roimhe so, bha e nis uamharra. Latha no dha na dheigh so, thug Wallace a laoich do choille eile, dlùth do Pheairt. Am fad ’sa bha iad an so, bha ’ghnàs aige féin dol an drasda ’sa rithist do ’n bhaile, ann an riochd manaich, feuch ciod a chitheadh na chluinneadh e. Latha de na làithean, chunnaic cuid-eiginn e a chuir amharas air, airson a mheudachd, a bha anacuimseach, agus thug e fairbheanadh do ’n t-seanalair. An ath latha thainig am manach mor, bha cearcal shaighdearan a thiota mu ’n cuairt do ’n tigh do ’n deach e stigh. Chaidh so innse do Wallace. Chuir e air a thiota aodach boirionnaich. Chaidh e mach, agus thubhairt e ris na Sasunnaich gu ’n robh am fear bha iad ag iarraidh, Wallace, air a ghlasadh ’na leithid so do sheòmar. A stigh leum dusan no dha, a’s brisdear an dorus, a’s othail orra gu ’n d’ fhuair iad an nàmhaid; ach bha ’n nàmhaid mu ’n àm leth-mhìle mach as a’ bhaile. Coma, lean dithis shaighdearan e, a shaoil leo féin gu robh am boirionnach so neo-chumanta mor, agus duineil coltas. B’ fhearr dhoibh fuireach aig baile; oir cha luaithe fhuair Wallace iad a mach o’n bhaile, na thionndaidh e orra agus le ’chlaidheamh [?] a bha foluichte fo ’chirb, sguidse e na cinn dhiubh. Thòisich a nis iomadh do mhaithean na h-Alba ri nàire a ghabhail gu ’n do leig iad le Wallace agus a bhuidheann bhig còir agus aobhar an dùthcha ’sheasamh co fada ’na aonar. Theannaich iad a nis mu ’bhrataich ’nan ceudan. Am measg chàich, bha ’n sgoileir ard, Blair, agus fiuran gaisgeil, mac do Shir Iain Graham. Bha cairtealan an airm Shasunnaich a nis aig Lochmabain, fo chomannd fir Clifford. Chaidh Wallace aon latha an riochd duine bhochd do ’n champa; agus air da Clifford fhaicinn a’ deanamh tàir agus a’ toirt maslaidh do fhear-dùthcha, tharruing e ’chlaidheamh dileas stàilinn, agus chuir se troimh ’chridhe e. Cha luaithe thainig so gu cluasan a’ champa, na sheid iad an trompaid a chum catha. Ruith Wallace chum a dhaoine, a dh’ innse mar rinn e. Thug e òrdugh dhoibh an comhnard fhàgail, agus iad féin a chuir an òrdugh anns a’ choill bu tiugha. Cha b’ fhada gus an d’ thainig an nàmhaid. B’e Blair, caraid Wallace, a’ cheud fhear a leòin iad. Cha luaithe chunnaic Wallace a chaomh charaid a call ’fhala, na thòisich e orra. ’Sann a sin a bha ’chòmhdhail! Bha na Sasunnaich a nis a’ dol air an ais, ’nuair co chunnacas a tighinn gu ’n cobhair, le ’cheudan, ach an gaisgeach Moreland. Cha robh comas aig na h-Albannaich a nis dol a null no nall—bha iad air an cuairteachadh; ach chuir iad romhpa nach géilleadh iad ’s iad beò! Chunnaic Wallace Moreland a gearradh sios a dhaoine mar asbhuain air gach làimh. Leum e ’na chòmhdhail. Bu mhorach an coinneachadh, ach cha bu bhuan an còmhrag. Cha b’ fhada gus na chaisg claidheamh Wallace ’ìotadh ’na fhuil—ni ’nuair chunnaic an t-arm, tharr iad as. Lean Wallace agus a dhaoine iad, acrach agus fann mar bha iad, gus an d’ rainig iad am baile, agus na ghlac iad e gun bhuille a bhualadh. Ghabh iad beagan bìdh ’us dibhe, agus mach a ghabh iad gu Caisteal Crawford. An so, an deigh dhoibh na h-uiread de ’n nàmhaid a mharbhadh, chuir iad an caisteal ri theine. Na dheigh so, rùnaich iad sgapadh ré a’ gheamhraidh. Chaidh gach fear gu ’dhachaidh, ach chaidh an gaisgeach Wallace a shealltuinn a leannain gu baile Lanark. Dh’ innis i do Wallace gach car ’us lùb a dh’ fheuch Hesilrig, ceann an airm Shasunnach, chum a h-aigne ’bhuanachd, ’s gun smuain aige gu ’n robh Wallace an gaol oirre. Phòs a’ bhean-uasal so agus Wallace an ceann beagan làithean; agus chaith iad an uine gus an ath earrach mar bu chubhaidh do lànain òig—cùpan an sonais a’ cuir thairis le sìth, le gaol, ’s le tlachd. Thainig Hesilrig iomad uair re na h-ùine sin a dh’ iarraidh a laimhe, ’s gun fhios aige mar thachair. Chuir Wallace roimhe uair no dha an ceann [?] cho [?] e dàil a chuir sa’ chùis, gus an cruinnicheadh e ’dhaoine. Bha ’n t-arm Sasunnach a’ creachadh ’sa milleadh na dùthcha, ’s gun duine a cuir grabadh orra. Cha b’ urrainn Wallace so a sheasamh. Shéid e ’n trompaid. Fhreagair na creagan—chual’ a dhaoine—chaidh gach fear ’na éideadh—agus thogadh a bhratach aon uair eile! ’Nuair thainig so gu cluasan Hesilrig, chuir se e féin air cheann deich ceud fear-cogaidh, ’s a mach ’thug e an toir orra. Thuit an oidhche, agus cha d’ fhuair e iad; agus thainig e do ’n bhaile. Chaidh innse dha an so gu ’n robh Wallace am falach ré ùine an tigh na mnath-uaisle; agus cha ’n e sin, ach gu ’n robh i féin agus Wallace pòsda! ’Nuair chuala Hesilrig so, cha bu stad dha gus an d’ rainig e ’tigh. Bha i ’na cadal; agus ma bha, b’e sin an cadal luaineach, bruailleanach, breislineach; agus cha b’ ioghnadh e. Dhuisg a’ bhruid Shasunnach i le ’ghuth mucail; agus an deigh a miomhachadh, cha deanadh a deòir, ’sa h-ùrnuigh, ’sa h-aslachadh, air a glùinean rùisgte, drùghadh air—tharruing e ’chlaidheamh, agus shàth e ’na cridhe e. ’S ann ortsa, mhic-chridhe, tha e feitheamh ’nuair chluinneas Wallace e! ’S iomad mile Sasunnach a chriothnaicheas air a shon so—’s iomad sruthan a ruitheas dearg chum na tràghad le fuil air a shon so! Cha b’ fhada gus an cuala Wallace an sgeul brònach. Ma chuala, cha robh mionaid ri chall. Bha nis an oidhche ann, agus na Sasunnaich ’nan leapaichean, agus, ar leo fein, lan thearuinte. Rainig Wallace an geata, agus, le ultach mor cloiche, spealg e ’chòmhla. Thuit iad air an nàmhaid anns gach cearn, ’gam marbhadh ’nan ceudan. Cha b’ fhois do Wallace gus an d’ fhuair e mach mortair a mhnatha, agus na ghearr e ’na cheithir cheithreannan e. “An làmh a bheir, ’s i ’gheibh.” ’Nuair chunnaic Albainn co buadhar ’sa bha Wallace, ghreas na h-uiread diubh chum a chobhair—ni ’nuair chuala Iomhar, righ Shasuinn, thainig e air cheann armailte mhor, gus an smàladh. Choinnich na seòid aig Biggar, baile beag an taobh so do Dhunéidion; agus ma choinnich, ’sann a sin a bha ’n t-slachdradh! Ciod a th’ agad air, a leughadair, ach gu ’n do chuir Wallace agus a sheòid an ruaig orra; agus am beagan a mhair beò dhiubh, bu bhuidhe leo Sasunn a thoirt orra, agus Rìgh Iomhar air an ceann! Gheibh sibh an còrr ri ùine, ma ’s maireann MACTALLA. Thatar ag ràdh gur e thug air an t-Sàr a bhi cho toileach air rioghachdan na Roinn Eorpa an cuid armachd a lughdachadh, cho olc sa shoirbhich cùisean leis ann an Sina. Bha e an dùil gu robh a dhòigh fhein gu bhi aige, ach rinn Breatunn an gnothuch. [TD 59] [Vol. 7. No. 8. p. 3] SGEULACHDAN ARABIANACH. Na Tri Ubhlan. CAIB. XI. Bha bantrach Niuredin Ali a’ fuireach anns an taigh ’s an robh Niuredin a’ fuireach an uair a bha e beo. Bu taigh e a bha anabarrach eireachdail; ach leis an toil a bh’ aìg Schemsidin bantrach a bhrathar ’fhaicinn, is gann gu’n do sheall e ceart air an taigh mhor, mhaiseach anns an robh i ’fuireach. Anns an dol a steach phog e an geata, agus a chlach mharmoir air an robh ainm a bhrathar sgriobhte ann an litrichean oir. An uair a dh’fheoraich e mu ’dheidhinn bantrach a bhrathar, thuirt aon dhe na sheirbhisich ris gu’n robh i ann an seomar maiseach a bha faisge air meadhain na cuirte. Anns an t-seomar so bha i ’cur seachad earrann mhath dhe ’n latha ’s dhe ’n oidhche ri tuireadh ’s ri caoinh air son a mic, agus i ’n duil gu’n robh e marbh bliadhnachan roimhe sin, o nach cualas guth no iomradh m’a dheidhinn riamh o’n a dh’fhalbh e. Anns an am ’s an deachaidh Schemsedin a steach do’n t-seomar far an robh i, bha i ’gul agus a’ caoidh gu goirt. Chuir e failte oirre, agus ghuidh e oirre sgur dhe’n trom bhron anns an robh i. Dh’ innis e dhi gu’m b’ e-fhein a brathair-ceile, agus leig e ris dhi an t-aobhar air son an d’ thainig e a Cairo gu ruige Balsora. Thug e dhi mion-chunntas air gach ni a thachair ann an Cairo an oidhche phos Bedredin a nighean. Agus an deigh dha innseadh dhi mu ’n ioghnadh a ghabh e an uair a fhuair e am paipear a sgriobh Niuredin air fhuaghal anns a’ cheannaodach a bh’ air Bedredin, thugadh a steach a nighean agus Agib do ’n t-seomar far an robh i. Fhad ’s a bha Schemsedin ag innseadh a naigheachd do ’n bhantraich, bha i ’na suidhe gun ghlusad mar gu ’m biodh neach a bhiodh an deigh dubh-chul a chur ris gach ni a bhuineadh do ’n t-saoghal so; ach cha bu luaithe a thuig i o na briathran a labhair Schemsedin rithe, gu’m faodadh gu’n robh am mac a bha i cho mor a’ caoidh fhathast beo, na dh’ eirich i, agus ghlac i ’na gairdeanan bean a mic, agus Agib, a h-ogha. An uair a thug i an aire gu ’n robh aghaidh Agib gle choltach ri aghaidh Bhedredin, shil deoir an aoibhneis gu frasach o ’suilean. Cha b’urrainn i gun toiseachadh ri pogadh Agib; agus thug so toileachadh mor do dh’ Agib fhein aig an am. “A bhaintighearna,” arsa Schemsedin, “tha ’n t-am agad na deoir a thiormachadh o do shuilean, agus sgur dhe d’ osnaich. Feumaidh tu falbh comhladh riumsa gu ruig an Eiphit. Tha ’n righ a’ toirt cead dhomh do thoirt leam, agus tha mi cinnteach gu’n aontaich thu falbh. Tha mi ’n dochas gu ’m faigh sinn do mhac fhathast beo, slan. Agus ma gheibh, is fhiach eachdraidh gach aoin dhinn fa leith a bhith air a cur sios ann an sgriobhadh, a chum gu’m bi fios aig ar sliochd ’n ar deigh air gach dragh is trioblaid is mi-fhortan is allaban troimh ’n deachaidh sinn.” An uair a chual’ a’ bhantrach na briathran so, bha i gle thoilichte, agus ghrad thug i aithne seachad gach ni a bhuineadh dhi a chur an ordugh, agus gach deisealachd fheumail a dheanamh air son falbh gu ruig an Eiphit. Aig a’ cheart am chaidh Schemsedin far an robh an righ a dh’ innseadh dha gu’n robh ’na bheachd tilleadh do Chairo gun dail. Ghabh an righ ris le mor urram, agus an uair a bha e ’falbh thug an righ dha tiodhlacan luachmhor, agus chuir e tiodhlacan eile leis a dh’ionnsuidh righ na h-Eiphit. An uair a fhuaradh gach ni deiseil air son an turuis, dh’ fhalbh iad a Balsora gu ruig Damascus. An uair a rainig iad faisge air a’ bhaile, dh’ ordaich e na pailliunan a chur suas an taobh am muigh dhe ’n gheata; agus thuirt e gu’n robh e gu dail thri latha dheanamh, a chum gu’n leigeadh iad uile an anail, agus gu ’n ceannaicheadh e beagan dhe na nithean a b’ annasaiche agus bu luachmhoir a chitheadh e anns a’ bhaile gus an toirt mar thiodhlac a dh’ionnsuidh righ na h-Eiphit. Am feadh ’s a bha Schemsedin a’ roghnachadh nan nithean a shaoileadh e bu fhreagarraiche air son an toirt thun an righ a measg a’ bhathair luachmhoir a thug marsantan mora ’bhaile g’ a ionnsuidh, dh’ iarr Agib air a’ chaillteanach a dhol comhladh ris do’n bhaile, a chum gu’m faigheadh e sealladh na b’ fhearr air na h-iongantasan a bh’ anns a’ bhaile na fhuair e an turus roimhe a bha e ann, agus a chum gu’m biodh fhios aige ciod a dh’ eirich do’n chocaire a lot e leis a’ chloich. Dh’aontaich an caillteanach falbh comhladh ris, agus an uair a fhuair Agib cead o mhathair, dh’fhalbh iad do’n bhaile le cheile. Chaidh iad a steach air a’ gheata ’b’ fhaisge dhaibh. Choisich iad air an aghart gus an d’ rainig iad far an robh na buithean aig marsantan mora ’bhaile agus bha iad a’ gabhail beachd air a h-uile seorsa bathair bu luachmhoire na cheile a bha iad a’ faicinn anns na buithean. An deigh dhaibh greis mhath de’ n uine a chur seachad a’ gabhail beachd air an eaglais bu mho ’s bu bhriagha a bh’ anns a’ bhaile, thainig iad far an robh a’ bhuth aig Bedredin. Bha e ’g obair gu trang air cocaireachd mar a b’ abhaist dha.” “Failte ort, a dhuine choir. Am bheil thu ’g am aithneachadh? Am bheil cuimhn’ agad gu’m faca tu roimhe mi?” ars’ Agib. An uair a chuala Bedredin na briathran so, sheall e air, agus dh’ aithnich e e anns a’ mhionaid. Dh’ fhairich e a chridhe ’blathachach ris mar a dh’ fhairich e a’ cheud uair a chunnaic e e. Bha e cho mor troimh a cheile ’na inntinn ’s gu’n robh e greis mu’m b’ urrainn e aon fhacal a radh. Mu dheireadh labhair e, agus thuirt e, “Mo thighearn’ og, bi cho mach ’s gu’n tig thu fhein agus do mhaighstir aon uair eile a steach do ’m thaigh, a chum gu’m blais sibh na pitheannan a tha mi ’deanamh. Tha mi ’g iarraidh mathanais air son an dragh’ a chuir mi ort an latha ’lean mi thu am mach as a’ bhaile. Aig an am cha robh mi ’nam chiall fhein, agus cha robh fhios agam ciod a bha mi ’deanamh. Ghabh mi a’ leithid de thlachd dhiot ’s nach b’ urrainn domh gun fhalbh as do dheigh.” An uair a chual’ Agib na briathran so, ghabh e ioghnadh mor, agus fhreagair e mar so:— “Tha na briathran a labhair thu, tuilleadh is caoimhneil, agus mur toir thu do mhionnan nach teid thu ceum as mo dheigh an uair a dh’ fhalbhas mi, cha teid mi steach air an dorus agad. Ma gheallas tu nach lean thu mi, agus ma dhearbhas tu gur duine thu a chumas ri d’ fhacal, thig mi ’g ad amharc am maireach, o’n a tha mo sheanair, an t-ard-chomhairleach, gu bhith fad an latha ’ceannach nithean luachmhor a tha e gus a thoirt mar thiodhlac do righ na h-Eiphit.” “Mo thighearn’ og,” arsa Bedredin, “ni mise rud sam bith a dh’ aithneas tu dhomh.” An uair a thuirt e so, chaidh Agib agus an caillteanach a steach do ’n bhuthaidh. Ghrad chuir Bedredin pitheannan-uachdair air am beulaobh a bha pailt cho math ris an fheadhain a thug e dhaibh a’ cheud latha ’chunnaic iad e. “Dean suidhe ri m’ thaobh,” ars’ Agib, “agus ith rud comhladh ruinn.” Shuidh Bedredin ri ’thaobh, agus thug e ionnsuidh air breith air ’na ghairdean mar chomharradh air an aoibhneas a bha ’na chridhe a chionn gu’n d’ fhuair e cead suidhe ri ’thaobh. Ach phut Agib air falbh e, agus thuirt e ris a bhith samhach ’s gu ’n a bhith tuilleadh is dana air ged a bha e ’na shuidhe ri thaobh. Rinn Bedredin mar a dh’ aithn Agib dha, ach thoisich e ri deanamh oran molaidh dha. Cha d’ ith e ni sam bith maille riutha. B’ fhearr leis gu mor a bhith frithealadh dhaibh. An uair a ghabh iad am biadh a thug e dhaibh, thug e uisge dhaibh gus an lamhan a nigheadh, agus searbhadair grinn, glan gus an lamhan a thiormachadh. ’Na dheigh sin lion e cupa shina am fear dhaibh de sherbet, agus chuir e sneachda annta. Thairg e a’ cheud fhear do Agib, agus thuirt e, “Is e so sherbet nan rosan, agus cha ’n ’eil na ’s fhearr ri fhaotainn anns a’ bhaile. Tha mi ’creidsinn nach do bhlais sibh riamh air na ’s fhearr.” Dh’ ol Agib agus an caillteanach an deoch so gu toileach, agus chord i gu math riutha le cheile. Thug iad moran taing do Bhedredin air son cho caoimhneil ’s a bha e riutha, agus dh’ fhalbh iad dhachaidh, oir bha ’n t-anamoch ann. An uair a rainig iad, ghabhadh riutha le gairdeachas. Bha meas mor aig a sheanamhair air Agib, oir bha e ’cur Bhedredin ’na cuimhne a h-uile uair a shealladh i air. “Ah! mo leanabh,” ars’ ise, “bhiodh m’ aoibhneas lan na ’m biodh de tholleachadh agam d’ athar fhaicinn aon uair eile slan fallain a chum breith air ’n am ghairdeanan mar a tha mi ’breith ortsa.” An uair a shuidh iad aig an t-suipear, thug i air Agib suidhe ri ’taobh, agus bha i cur cheisdean air mu thimchioll gach ni a chunnaic e anns a’ bhaile. Ghearain e gu’n robh a stamac lag, agus an sin thug i dha rud dhe na pitheannan-uachdair a dheasaich i fhein; oir mar a dh’ ainmicheadh mar tha, b’ aithne dhi an deasachadh anabarrach math. Thug i mar an ceudna rud dhiubh do’n chaillteanach. Ach b’ urrainn fear seach fear dhiubh am blasad; oir bha iad lanshasaichte leis na dh’ ith iad ann an taigh Bhedredin. An uair a chunnaic a sheanamhair nach blaiseadh Agib air greim dhe ’n phithean, bha i car mi-thoilichte. “An e gu’m bheil thusa, ’leinibh, a’ deanamh tair air a’ bhiadh a dheasaich mi dhut?” ars’ ise. “Cha ’n ’eil neach air an t-saoghal do ’n aithne pitheannan a dheasachadh cho math riumsa ach d’ athair, ma tha e beo. Is mi fhein a dh’ ionnsaich dha mar a dheanadh ’s a dheasaicheadh e iad.” “Ceadaichibh dhomhsa ’innseadh dhuibh, a sheanamhair, gu ’m bheil cocaire anns a’ bhaile so a ni pitheannan moran na’s fhearr na sibhse. Bha sinne anns a’ bhuthaidh aige an diugh agus dh’ ith sinn fear an t aon a bha moran na’s fhearr na’n fheadhainn a tha sibhse ’deanamh.” An uair a chual’ a sheanamhair na briathran so, sheall i gu gruamach air a’ chaillteanach, agus thuirt i, “Ciod is ciall dha so?” a Shabain. “An ann a chum a thoirt a steach do bhuth cocaire a dh’itheadh phithean mar dhiol-deirce a dh’ earbadh riut an aire mhath a thoirt air m’ ogha-sa?” “A bhaintighearna,” arsa Shaban, “tha e fior gu leor gu’n deachaidh sinn a bhruidhinn ris a’ chocaire, ach cha d’ ith sinn greim.” “Gabh mo leithsgeul,” ars’ Agib, “chaidh sinn a’ steach do’n bhuthaidh agus dh’ ith sinn pitheannan-uachdair innte.” An uair a chual’ a sheanamhair so las i le feirg, ghrad dh’ eirich i o’n bhord, agus chaidh i le cabhaig do ’n phailliuin anns an robh Schemsedin. Dh’innis i dha an cionta a rinn an caillteanach air a leithid a’ dhoigh ’s gu’n do bhrosnaich i gu feirg e. Bha Schemsedin gu nadarra gle chas, agus chuir na dh’ innseadh dha gu caise buileach glan e. Thainig e gun dail far an robh an caillteanach, agus thuirt e ris, “A chreutair shuaraich, am bheil de dhanadas agad na ni dearmad air an obair a dh’earb mi riut.” Bha Shaban ag aicheadh am muigh ’s am mach gu’n d’ ith iad ni sam bith (Air a leantuinn air taobh 62.) [TD 60] [Vol. 7. No. 8. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’a tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 16, 1898. NA LITRICHEAN. Is ro-mhor am maith a tha litrichean a’ deanadh air feadh an t-saoghail gu leir. Co a dh’ innseas an t-àm anns na linntean o chian anns do thoisich daoine air comhradh a bhi aca le cheile le ’bhi ’sgriobhadh litrichean do ’cheile. Air an doigh so bha e comasach doibh fios fhaotainn mu dheibhinn iomadh neach ’us ni ’bha fada uatha fein. Bhitheadh sonas, ’us sochair, ’us tapadh a chinne daoine gu mor air am milleadh no air an lughdachadh, nan rachadh stad a chur air litrichean agus air paipeirean naigheachd. Cha ’n eil a nis cearna air nach faod sinn eolas a bhi againn, le litrichean a dh’ ionnsuidh caraid air bith a tha againn anns na tirean iomallach sin. Tha, mar so, beannachadh sonruichte, dluth-cheangailte ri litrichean agus paipeirean naigheachd. Gheibh sinn eolas mar so, ann an uine gle ghearr, air gach ni mor ’us beag, air gach dragh ’us tamailt, air gach soirbheachadh ’us fortan a tha ’tachairt agus a tha air am mealtuinn anns an airde ’n ear ’us anns an airde ’n iar, agus mu thuath ’us mo dheas. On tha ’nis le comhnadh iongantach an dealanaich, fios a’ tighinn gu deifireach fo ’n fhairge, bho aon mhor roinn gu mor roinn eile, co nach aidich gu bheil e gle fhurasda duinn beachdan ceart a bhi againn mu gach ceist ’us connsachadh a tha am measg nan rioghachdan. Bhitheadh e cosmhuil ri bhi ’druideadh a mach soluis na greine, nan tigeadh crioch air cuairt nan litrichean ’us nam paipearan naigheachd. Rachadh gach comhfhurtachd a tha againn iomadh linn air ais, nan tigeadh crioch air an doigh uaigneach, fhurasda ’tha aig gach fine air conaltradh a ghleidheadh ri fineachan eile ann an dùthchannan agus ann an eileanan an t-saoghail. Anns na laithean nach eil fuasach fada air chul, is ann le dragh ’us le cosd mor a bha e idir comasach litrichean a ghiulan bho aon aite gu aite eile, ’bha, ma dh’ fhaoidte, ann an tir chein. Ach on thoisich rathaidean iaruinn air imeachd le ceum cabhagach am measg nan tirean, agus on thoisich bàtaichean smuide air triall le ceum luath thairis air stuaidhean a’ chuain luasganaich, dh’ fhas e gu mor ni bu shaoire ’s ni b’ fhasa litrichean a thabhairt bho dhùthaich gu dùthaich. B’ abhaist do na Gaidheal ann an Canada bho cheann leth-cheud bliadhna, ’bhi pàigheadh cuig sgilinn deug airson litir a thabhairt do Bhreatunn. On bha eagal air na Gaidheal nach ruigeadh an litir tir nan gleann agus an fhraoich, cha robh iad ’ga pàigheadh ro laimh. Cha robh na litrichean ach tearc a bha air an sgriobhadh aig an àm ud. Is maith a b’ aithne do Thormoid Mac Leoid sgeul aithris air an ioghnadh a bha am measg na Gàidhealtachd an uair a thòisich, le lagh na dùthcha, litrichean air falbh air feadh na dùthcha airson aon sgilinn. Bha ’n sgeul gasda so tuille ’s maith, agus cha robh moran idir ’ga creidsinn. Bha iadsan d’ am bu nos a bhi ’giulan nan litrichean ri gearan goirt ’us aimhreit, on thainig pris nan litrichean a nuas gu sgilinn. Is e Calum Posta aon de na laoich air am bheil Tormoid a’ deanadh iomradh gu minic. Tha ’m maighstir-sgoile ’tabhairt achmhasan do Chalum gu bheil e mairnealach, leisg. Tha Calum ’g a dhion fein co maith ’s is urrainn e, ’s a’ cumail a mach gu robh a’ mhaileid air fas co trom ’s gu robh e fior-dhuilich a bhi ’g a giulan. Tha Calum searbh le bhi ’g éisdeachd gu robh gille beag a’ bhaillidh agus a’ ministeir, sgith a feitheamh Chaluim leis a’ mhaileid. Tha Calum ag éigheach a mach: “Maileid no sac-sac eich; cha b’ ionnan ’s an leobag bheag leathraich a b’ abhaist a bhi agam, le sreing m’a muineal, ’s ged nach robh moran litrichean innte, bha iad luachmhor—ceir uasal, dhearg orra co cruinn, leathann ri bonn crùin!” Tha fearg uamhasach air Calum an uair a tha e ’cluinntinn gu bheil litir a nis “a’ tighinn do dhaoine nach d’ fhuair litir riamh roimhe.” Tha e ’gabhail beachd air a’ Bhàn-righ, agus le doilgheas fior, tha e ’g radh gu bi i co briste ri marsanta ’ghuirmein, no ri long an iaruinn, ma dh’ fheumas i,—a bhean uasal, rioghail—cost nan litrichean saora ’phàigheadh. Air an lamh eile, tha Eòghan figheadair anabarrach toilichte gu tainig pris nan litrichean a nuas bho thri-sgillin-deug ’s bonn a sè gu aon sgillin. Tha e ’g innseadh gu do reic e ’n coileach ruadh ri Cailleach nan Uibhean, ’s gu d’ fhuair e air a shon pris na litreach a reir an t-seana chosdais. Cha ’n ann gun aobhar cudthromach a tha e ’g radh: “Cha chuala mi riamh a leithid, cha b’ fhearr a nasgaidh iad; Riaghailt an àigh! An t-aon luach-a-peighinn a’s fhearr a chuala mi riamh. Co ’thug a stigh an riaghailt cheanalta?” Ann am beagan uine chunnaic Breatunn gur e lagh glic a thug a nuas pris na litreach gu aon sgilinn ruadh. An aite ’bhi ’cur cosdais uir air an rioghachd, is ann a choisinn an sgilinn ruadh airson gach litreach, moran airgid do ’n dùthaich. Bha comas aig gach neach a nis litir a sgriobhadh a null ’s a nall do ’chairdean, agus on dh’ fhas na litrichean co lionmhor, dh’ eirich cis nan litrichean gu suim ghasda. Phàigh lagh ùr nan litrichean gle luath air a shon fein; agus bha, ’s tha, e ’n a bheannachadh àluinn do Bhreatunn. Ma ’s maith mo chuimhne, an deigh do na bàtaichean smùide toiseachadh air triall eadar Canada ’s Breatunn, thainig pris nan litrichean a nuas gu sè sgilinn agus bonn-a-sè. Thainig a’ phris a nuas a rithist gu da sgilinn ’us bonn-a-sè: a’ phris a tha sinn a nis’ a’ pàigheadh. Mar tha fios aig luchd-leughaidh MHIC-TALLA cheana, shoirbhich le Maighstir Muloc—aig am bheil curam nan litrichean ann an Ottabha—anns an oidheirp a rinn e fein maille ri daoine eile airson pris na litrichean eadar Breatunn agus cuibhrionn no dha de ’n rioghachd fharsuing, a thabhairt a nuas gu aon sgilinn. Tha mi gle eolach air Maighstir Muloc; bha e fein agus mise le cheile ann an Oil-thigh Thoronto. Tha mi gle thoilichte gu do shoirbich co maith leis. Is ann aig an Nollaig a thoisicheas an riaghailt ùr, agus a chuireas sinn litir do ar cairdean ann am Breatuinn airson aon sgilinn ruadh. Is cinnteach a dh’ fhaodas sinn a bhi gu bheil, agus gu bi, cosdas mor ann a bhi ’giulan litrichean agus paipeirean naigheachd gus gach cearna follaiseach ’us iomallach ann an Canada. Gun tamh, tha aitean ùra air am fosgladh suas, agus feumaidh na daoine ’tha ’tuineachadh anns gach aite leth-oireach, an litrichean fhaotainn gu tric agus gu pongail. Tha mi fein lan dochais gu coisinn pris bheag nan litrichean pris mhor do ionmhss Chanada; agus gu bi iomadh, iomadh Gàidheal a guidhe bliadhna mhath ùr do MHAC-TALLA, agus moran diubh; agus gu toisich iomadh Gàidheal aig nach eil eolas fathast air MAC-TALLA, air failt ’us furan a chur air ré gach seachduinn de ’n bhliadhna. CONA. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt. R. Mac Neill, Sidni, C. B. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. [TD 61] [Vol. 7. No. 8. p. 5] NAIDHEACHDAN. Di-luain s’a chaidh, bha eadar leth-cheud us tri fichead soitheach seòlaidh, agus deich soithichean smùide, ann an acarsaidean Shidni us Shidni Tuath. ’S ann ag iarraidh guail a bha iad cha mhor uile. Thatar fhathast a tolladh air son olla thimchioll air Loch Ainslie. Tha iadsan a tha ris an obair an deigh doimhneachd mhor a ruigheachd, agus tha misneach mhath aca gu faigh iad na tha iad a sireadh an ùine ghoirid. Bha dithis dhaoine air an tilgeadh bhar bòrd soithich le aon de na slatan, ann an Digby, N. S., Di-luain s’a chaidh, agus bha iad air am bàthadh. Air an latha cheudna bha dithis air am marbhadh ann am Mèinn Molega, N. S., le spraidheadh dynamite. Chaidh boirionnach d’ am b’ ainm McCabe a losgadh gu bàs ann an Dartmouth, N. S., oidhche Di-satharna s’a chaidh. Spraidh lampa bha i laimhseachadh, ’s chaidh an olla air a cuid aodaich, ’s chaidh e na theine. Fhuair na coimhearsnaich i na suidhe marbh ann an cathair. Tha an fhéill bhliadhnail gu bhi fosgladh ann a Halifacs Dior-daoin s’a tighinn agus a criochnachadh Dior-daoin as deigh sin. Tha féill ann an St. John air an t-seachdain so, agus mar an ceudna ann an New Glasgow. Cha’n eil teagamh nach teid roinn mhor de mhuinntir an eilein dh’ionnsuidh nam féilltean sin, gu h-àraidh gu feill Halifacs, oir tha i sin air son Nobha Scotia gu h-iomlan. Tha mu cheud mile Innseanach ann an Canada. Tha da cheud ’s ceithir fichead us coig sgoil anns an Uachdaranachd anns am bheil an òigridh aca a faotainn foghluim; tha na sgoilean sin air an cumail suas leis an àrd-riaghladh, agus tha iad a cosg tri cheud mile dolair sa bhliadhna. A thaobh aidmheil, is Caitlicich da fhichead mile sa dha dhiubh, is Pròtstanaich da fhichead mile sa h-aon, agus tha seachd mile deug dhiubh fhathast nam Pàganaich. Cha’n eil a nise ach ùine ghoirid gus am bi an carbad-iaruinn a ruith air tim-chlàr a gheamhraidh, agus cha’n eil teagamh nach bi e falbh sa tighinn cho tràth ’s cho anmoch sa b’ àbhaist dha geamhraidhean roimhe so. Faodaidh gu robh na timeannan sin a còrdadh math gu leòr ri muinntir àiteachan eile, ach cha b’ urrainn gu’n còrdadh iad ri muinntir nam bailtean so, agus bu chòir dhaibh, nan gabhadh e idir deanamh, an carbad fhaotainn gu falbh agus tighinn aig àm a b’ fhearr. Thainig caochladh mor air an t-side o chionn seachdain. Air an t-seachdain s’a chaidh bha an t-side cho bruicheil ’sa bhiodh i anns an iuchar, ach toiseach na seachdain so bha i cho fuar ri ceud mhios a gheamhraidh. Bha reothadh trom ann an àiteachan oidhche Di-luain, na bu truime na chunnaic moran riamh cho tràth so sa bhliadhna. Faodaidh daoine bhi air am mealladh, agus is tric a tha iad sin, ach ’si bharail choitchionn gu bheil geamhradh tràth gu bhi againn air an turus so. Bha teine mor ann an New Westminster, B. C., deireadh na seachdain s’a chaidh; bha roinn mhor dhe’n bhaile air a losgadh, agus chaidh dithis no triùir a losgadh gu bàs. Cha robh an call a rinneadh na bu lugha na dha no tri muillean dolair. Bha a chuid a b’fhearr dhe’n bhaile air a losgadh, agus dh’fhalbh na taighean bu luachmhoire a bha ann. Tha na ceudan an deigh an dachaidhean a chall, ’s gun aca gus an cumail o fhuachd ’s o acras ach na bheirear dhaibh le muinntir eile. ’Se stradag o bhàta smùide a dh’ aobharaich an teine: bha gaoth mhor ann aig an àm, agus sgaoil e le luaths uamhasach. Chaidh tigh na theine faisg air Digby, N. S., Di-luain s’a chaidh, tigh le fear Stephen Haines, agus bha a dithis chloinne air an losgadh gu bàs. Bha a chlann a cluich ann an seòmar air an lobhta; bha am mathair gu h-iseal, ach cha robh fhios aice gu robh an tigh ’na theine gus an d’ thainig an athair, air dha an teine fhaicinn, agus bha sin tuilleadh anmoch gus iadsan a shàbhaladh. Thatar a deanamh dheth gu robh a chlann a lasadh mhaidsichean, agus gun do chuir iad teine ris an leabaidh. Cha robh iad ach gle òg, aon dhiubh cóig bliadhna, ’s an t-aon eile tri bliadhna dh’ aois. Chaidh Caiptean Walker, a mhuinntir Amhuinn Inhabitants, a mharbhadh air an International Pier Di-luain s’a chaidh. Bha e coiseachd air an laimhrig, agus air dha bhi mu choinneamh sreang de na bocsaichean guail a bha tigh’n as a dheigh, chaidh eigheach ris teannadh as an rathad; air dha bhi deanamh sin, chaidh e ’na bhoil agus ’s ann a sheas e direach mu choinneamh sreang eile de charbadan a bha dol an rathad eile. Bhuail na carbadan sin ann, agus bha e air a mharbhadh air ball. Bha e dha choais air am bristeadh, agus bha a chorp air a reubadh gu dona. Bha an duine bochd aig an laimhrig le soitheach d’ an ainm “Hector” ag iarraidh luchd guail. Bha mac dha air aon de sgioba an t-soithich. Tha a chuid eile de ’n teaghlach aig Amhuinn Inhabitants. Bha a bhean ann an droch shlàinte, agus tha e cunnartach gu’n dean a bhuille ghort so a tinneas a thromachadh. Mort Ban-Impire Austria. Chaidh Ban-Impire Austria a mhort Di-satharna s’a chaidh le Eadailteach, d’an ainm Linchesi, a rinn feall-fholach air a son faisg air tigh-òsda anns an robh i a fuireach, ann am baile Geneva, an Switzerland. Bha a Bhan-Impire air an t-slighe eadar an tigh-osda ’s an cladach ’si dol a chur cuairt air an loch ann am bàta, nuair a thainig am mortair mach o chùl craoibhe ’sa shàth e biodag innte dh’ionnsuidh a chridhe. Thuit i air ball, ach dh’ éirich i, ’s choisich i dh’ ionn-ionnsaidh a bhàta, ach á sin b’ fheudar tilleadh leatha, agus an ceann beagan mhionaidean chaochail i. Tha am mortair ag radh gu’m b’ann a thàinig e gu Geneva air son cur as do Dhiùc Orleans, ach dh’ fhairtlich air cothrom fhaighinn air an fhear sin, agus chuir e roimhe gu’m biodh beatha na Ban-Impire aige. Bha a Bhan-Impire na mnaoi-uasail ro chliuiteach, air an robh meas mor air feadh na Roinn Eorpa, agus tha am bàs oillteil a dh’ fhuiling i an deigh uamhas a chuir air na h-uile. Bha i tri fichead bliadhna sa h-aon a dh’aois. IADSAN A’ PHAIGH. Bean Iain MhicGilleain, Eilean Phictou, N.S. An t-Urr. Iain Calder, Mulgrave, N.S. Eoseph D. Sutharlan, Halifacs, N.S. Bean Iain Mherlin, Springhill, N.S. Domhnull Johnstone, Springhill, N.S. Dr. A. D. Sinclair, Boston, Mass. Donnachadh Moireastan, Heron, Mont. Alasdair Mac Ealair, Penetanguishene, Ont. Iain Moireastan, Dunbheagain, Ont. A. D. Mac Guaire, Hamilton, Ont. An t-Urr. Iain MacFhionghain, Springbank. C. L. Lister, Vancouver B. C. 50c. G. Mac Aoidh, Thurlow, B. C. $5.00 Aonghas Mac Fhearghais, Port Hammond. Micheil L. Mac Fhionghain, Lakevale, C. B. Iain Mac-a-Bhiocair, Catalone. Iain Moireastan, an Gut a Deas. Iain Domhnullach, Bay Road, Ceap Nor. Alasdair Mac Amhlaidh, Milton. Tormad Domhnullach, Dutch Brook. An t-Urr. I. F. Forbes, Sìdni. Padruig Mac Fhionghain, New Canada. Aonghas Mac Fhionghain, New Canada. Ruairidh Mac Neill Glace Bay. Eos. I. Domhnullach, Meinn an Reserve, 50c Mairi B. Dhomhnullach, S. W. Margaree 25c Iain S. Gillios, Cul Loch Ainslie, 25c. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AM FLUR a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ($3.00) gu Ceithir us Tri Chairteil ($4.75). Is Flur math e cuideachd. ALASDAIR MARTUINN. SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. [TD 62] [Vol. 7. No. 8. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 59.) ann am buth a’ chocaire, ged a bha Agib ag radh gu’n d’ ith. “A sheanair,” ars’ Agib, “cho fior ’s a tha mi beo, cha’n e mhain gu’n d’ith sinn le cheile na thug oirnn nach urrainn duinn suipear a ghabhail; ach dh’ ol sinn mar an ceudna lan cupa mhoir am fear de sherbet.” “A nis, an deigh so uile, am bheil thu ’g aicheadh gu’n robh sibh ann am buth a’ chocaire ’s gu’n d’ ith sibh rud ann?” arsa Schemsedin. Ach bha Shaban cho beag narach ’s gu’n d’ thug e a mhionnan nach d’ ith iad dad. “Cha’n ’eil annad ach am breugaire; creididh mise m’ ogha air thoiseach ort an deigh a h-uile car,” arsa Schemsedin. “Ma theid agad air a’ phithean a th’ air a’ bhord itheadh, dearbhaidh tu dhomh gu ’m bheil thu ag innseadh na firinn.” Ged a bha Shaban cho lan ri ugh leis na dh’ ith e ann am buth Bhedredin, dh’ aontaich e gu’m feuchadh e ris a’ phithean itheadh. Ach an uair a dh’ fheuch e ris, cha b’ urrainn e greim a shluigeadh dheth. Lean e air innseadh nam breug, agus thuirt e gur e na dh’ith e an latha roimhe sid a thug air nach b’ urrainn e am pithean itheadh. Bha Schemsedin cho mor air a bhrosnachadh leis na bha Shaban ag innseadh dha de bhreugan ’s gu’n ordaich e dha e fhein a leigeadh ’na shineadh air an lar a chum gu’n gabhteadh air leis a’ chuip. An uair a bha e air a chiurradh leis na buillean troma a bha e ’faotainn, dh’aidich e gur e na breugan a bha e ’g innseadh, agus thuirt e gu’n d’ith e rud dhe ’na pitheannan ann am buth a’ chocaire, agus gu’n robh iad moran na b’ fhearr na bitheannan a bh’ air a’ bhord. (Ri leantuinn.) LITRICHEAN EOGHAIN OIG. An Darna Litir. “Bhi fadadh teine fo loch, Bhi tiormachadh cloich an cuan, Comhairl’ ’thoirt air mnaoi bhuirb— Mur bhuill ’ùird air iarunn fuar.” Fhir Ullachaidh an “Teachdaire Ghaelich,” ’s mise rinn an car tuathal an latha sgriobh mi thugaibhse do thaobh mo ghalair, cha ’n ’eil duine thachras orm nach dean gàire na m’ eudan—cha ’n ’eil comunn nach mi ’s làn-beòil dhaibh, agus ma bha Marsali fiadhaich roimhe tha na seachd truaighean a nis oirre! Mar a dh’ iarr sibh orm, dh’ fhiach mi ri fàs slàn, agus ri fuath a thoirt dhi mar gu ’m b’ eadh; ach, ’s fhasadh so a ràdh ’na ’dheanamh. ’Se ’n dòigh a ghabh mi rinn mi suas ri maighdinn bhòidhich eile feuch an cuireadh i Marsali ás m’ inntinn, no, theagamh gu ’n tugadh e gu aithreaches i air son a ceannaire; ach mar a bha ’n tubaist an dàn, thuit i so an gaol orm, shaoil i gu ’n robh mi an dà-rireadh, agus ciod a chuala mi fhein aon latha, ’s mi ’n cùil gun fhios, ach a màthair a comhairleachadh da’ h-athair “leaba eile cheannach; oir ’n uair thachradh a chùis gu ’m feumadh [?] car leth-bhliadhn’ feuch ciod a thilgeadh suas—nach bu choir tairgse maith a dhiùltadh, oir ged maith dh’ fhaoidhte, a gheibheadh Ceit fear bu bheartaiche, nach b’ ann a h-uile latha ’gheibheadh i gille cho stuama agus cho ceanalta ri Eoghan.” Cha b’ ioghnadh ged chuir so iongantas air fear aig nach robh smuain air posadh, ’s nach tug riamh iomradh air a leithid. Co dhiu cha do leig mi bheag orm, ach an aite dol do ’n tigh uair ’san t-seachdain, cha deach mi na dheigh so ann ach uair ’sa cheithir-là-deug no theagamh uair ’sa mhìos. Chunnaic iad gu’n robh mi tarruing air m’ ais, agus an àite bhi cairdeil ’s iad a nis naimhdean a’s mo th’agam. B’ fhearr leam na moran nach deach mi riamh d’an tigh, oir ged nach ’eil Ceit ghrinn ag ràdh a bheag tha e soilleir gu bheil a cruth a’ caochladh, agus a gruaidhean a’ tanachadh. Na dheigh so thachair dhomh bhi aig “Tea” aon oidhche far an robh òigh cheutach àluinn; chuir a cheud shealladh sùl saighead ’n am chridhe, agus ged nach robh ’n am bheachd mo laimh a thairgse dhi ’ar leam gu ’n robh e measail gu ’n abradh daoine “sud leannan Eoghain Oig.” Choinnich mi i tri no ceithir a dh’ uairean na dheigh so agus bhruidhinn mi rithe, ach cha d’ fhuair mi ach freagradh fuar, cha b’ fhiu leatha gnothuch a bhi aice rium. Las so m’ aigne, agus mu ’n robh uine agam a chuis a chnuasachadh thuit mi an gaol oirre. Thòsich mi air mi fhein a mholadh dhi air gach dòigh, ri dol do ’n t-searmoin gu riaghailteach—ri innse mar ghabh mi air Domhnull mor, agus mar marbh mi na trì eallachan le aon urchair, agus an leithide sin. Chunnaic mi mu dheireadh gu’n robh i tighinn thuige lion beag is beag; thàinig Marsali gu m’ chuimhne, ghabh mi an t-aithreachas, agus dhùraiginn a bhi far nach cluinneadh ’s nach faiceadh i mi. Cha leigeadh mo nàire leam i so a threigsinn an graide, ach thug i fainear gu’n robh mi ’fàs fuar—chuimhnich i mar ghnàthaich mi Ceit Bhàn, agus air dhomh a ràdh rithe aon latha, “a Mhàiri m’ eudail, thiugainn a ghabhail sraid,” thug i chuigeal às a’ chrois, agus mar rachadh a mathair ’s an eadragain bhris i mo cheann! Mar so, Fhir Ullachaidh an “Teachdaire,” tha mi ni ’s miosa na bha mi riamh! Cha ’n ’eil nighean eadar Cornaig ’s an Caolus nach ’eil sgàthach umam—ni ’s lugha na bhuailinn an tarunn air a ceann a thiota, cha teid iad gu feill na gu clachan leam; agus ged nach leig àrdan leam aideachadh, cha ’n ’eil e ’n comas a chridhe bhochd so gaol a thoirt do mhnaoi fhad ’s a’s beò Marsaili, agus chuir mi romham fhad ’s a’s maighdean ise gur fleasgach mise. ’S feàrr le m’ chridhe amaideach beathachadh air an sgàile de dhòchus gu ’n tuit sinn fhathast air a cheile na ged gheibhinn nighean Iarla le ceud mìle punnd. Ach tha mi smuaineachadh mar biodh aislingean na h-oidhche gu ’m faighinn a chuid a b’ fheàrr de ’m ghalar. An raoir fein, gun dol ni ’s fhaide, an deigh dhomh dol a laidhe, agus mi fein earbsa ri’ m Chruithfhear, thòisich mi ri beachd-smaoineachadh ciod idir an dòigh a ghnàthaichinn air a gean-math a bhuanachadh? B’iomadh innleachd a dhealbh mi ach cha d’ fhuair mi h-aon a bha coltach. M’a dheireadh thuit mi ’nam chadal, ach dh’ fhan m’ inntinn na dùsgadh. Bha mi, air leam, leis a chrodh ’s an fhang; co ’thàinig ’s an rathad ach m’ eudail! Leum mo chridhe mar b’ abhaist ’n uair chunnaic mi i; an àit’ an rathad a sheachnadh chuir i, eadar fiamh gu feith-ghàire failt orm! Chur so ioghnadh agus aoibhneas orm, agus fhuair mi de mhisnich na dh’fheòraich dhi ciod am fuath a bh’ aic orm? Thàinig rugha na gruaidhean ’s cha dubhairt i guth. Thug mi fein dhi mo ghàirdean, ’spill mi leatha; ma dheireadh fhreagair i, “Cha’n ’eil fuath agams’ air neach air bith Eoghain, ach ’s beag orm dol am beul dhaoine, agus na ’n cluinneadh mo mhàthair is m’ athair e mharbhadh iad mi.” Thòisich sinn an sin r’a cridheachan a leigeadh ris d’a cheile, ’s mar thòisich ar gaol ri oibreachadh, agus rinn sinn am mach gur h-ann ’s an aon latha ’bhuail e sinn. B’ àrd agus bu bheusach ar smuaintean, b’ ann nar cridheachan nach robh cealg! Thug mi fein, ar leam, a mach fainn’ as mo phòca, ’s thòisich mi ri feuchainn am freagradh e d’a meur, chuir mi air meur an deigh meoir e, oir b’ ulaidh leam a bhi beantuinn r’a min-chraicionn, agus bha fios agam nach bu bheag oirse-se cuideachd e, ach gu ’m feumadh leith-sgeul a bhi ann mu ’m fuilingeadh i e. Ach mo chreach! cha robh mo shonas ach dim-buan—dhùisg an toilinntinn mi, agus cha robh agam air son Marsali ach mo chluasag! Tha na nithe so ’g am chur fad air m’ ais. Tha fios agam mar tha sibhse ’g ràdh gu ’m bheil e peacach an cridhe thoirt do ni no neach ach Dia; agus ’s e so thug orm sgrìobhadh an tràs o’n tha mi tuigsinn gur h-Olla Diadhachd sibh feuch am bheil comhairl’ agaibh is fearr na ’n té ma dheireadh, oir, ged tha mi ’guidhe air Ni-maith gu’n tugadh e uam cuspair mo ghràidh—iodhal so mo chridhe, ’s ann tha eagal diomhair orm gu ’m freagair e mi, agus tha fios agam nach i h-i so an ùrnuigh cheart. Thugaibh fios-freagairt cho math ’s a dh’ fhaodas sibh ma tha iomguin oirbh mu staid bhur Seirbheisich Umhail. EOGHAN OG. Eilean Chola, 1829. FIOS FREAGAIRT. Ciod a chomhairl’, a dhuine thruaigh, tha dhì ort? A’ bheil dùil agad an robh duine riamh ann an gaol ach thu fhein? A’ bheil ceaird agad? Mar ’eil, toìsich air aon gun dàil. Tog a shealgaireachd ròn is ealachan, agus a gleachda no tuasaid ri Domhnull mór, no fear air bith eile. Cha d’fhuaradh gu maith thu do thaobh Ceit Bhain. Is maith leam a cluinntinn gu bheil na maighdeannan òga gu d’ sheachnadh. An tuille tàmailte dhuiste agus do d’ leithid, a tha briodal ’s a beadradh ’s a mealladh chaileagan òga. Tha tuille ’s a choir dheth so air feadh na Gaidhealtachd. Cuireadh caileagan Thireadh agus Chola fios am ionnsaidh-se mu d’ leithid-sa; thugadh iad dhomh an ainm, is mar dean mise foileasach e leigear dhomh. Rinn thusa gu maith an fhirinn innseadh dhomh agus ioma sin cha diùlt mi dhuit mo chomhairle. Tog ma ta de bheadradh, eirich air do chéird, bi suidhichte, seasmhach, iarr stiùradh o Dhia; seachain cuideachd dhaoine gòrach, gach òl, agus ruitearachd; leugh do Bhiobull, agus feith air orduighean Dhe; bi glic grunndail, dichiollach, bithidh tu fein sonadh a’ d’ inntinn agus chi thu ciod a ni Marsaili. Facal a Braigh na h-Aibhne Deas. Tha mi air mo nàrachadh mu ’n fheadhainn nach eil a pàigheadh MHIC-TALLA. Tha mi seachd sgith a faicinn a bhi ga shireadh orra. Feuch, ann an [?] an righ [?] an tog sibh oirbh, agus am paigh sibh am paipear gasda sin anns a bheil an deagh Ghàilig; na bitheabh a faicinn a bhi ’ga iarraidh oirbh cho tric. Fui! Fui! mo nàire air Clann nan Gàidheal! Ach co e an duine gun tuaiream a chuir an naigheachd shuarach ann a MAC-TALLA na seachdain, ’sa chaidh mu Mhac ’Ic Raonuill na Ceapaich? Cha d’innis e cia fear dhiu mu’n robh e labhairt, no cia an uair a thachair a chùis, no cia an t-àite anns an d’ fhuair e an litir leibideach. Cha b’ iad muinntir na Ceapaich a dh’ fhuiligeadh tàmailt bho Mhac Illebhàin, no dhiubh. Tha blas nam breug air an naigheachd, agus tha fàileadh a ghealtair de ’n fhear a sgriobh i, oir bha sgàth air ainm a chur rithe. ALASDAIR AN RIDGE. Ceistean. Am bheil aon de ’r deagh sgriobhadairean comasach air eachdraidh ghoirid a thoirt dhuinn air an Reiseamaid Dhuibh? Bu mhath leam gu h-àraid fios fhaotainn c’uin a chaidh a togail an toiseach, agus ciod a dh’ aobharaich an t-ainm? FEAR GUN FHIOS. An dean cuid-eigin aig am bheil fios, innse ann am MAC-TALLA, cia meud ionnsuidh a thugadh air leabhran miosail Gàilig, mar a bha ’n Teachdaire ’s an Cuairtear a chur a mach, agus ciod an tomhas soirbheachaidh a bha leis gach ionnsuidh a thugadh. LAMH DHEARG. Eachdraidh nan Caimbeulach. CEARTACHADH. Bha mearachd anns a chuid sin de ’n eachdraidh a bha air a chlo-bhualadh ann an àireamh na seachdain roimh ’n t-seachdain s’a chaidh—Sept. 2. An àite an fhacail “Cataobh,” ’se bu chòir a bhi ann “Gallaobh.” Thug an sgriobhadair fa-near d’ an mhearachd, agus chuir e fios ugainn, ach bha am paipear a mach mu ’n d’ fhuair sinn am fios. Bha cuibhrionn na h-àireamh so de ’n eachdraidh so anmoch ’gar ruigheachd air an t-seachdain so, agus, uime sin, cha ’n urrainnear a clo-bhualadh, ach gheibhear i anns an ath àireamh. Tha sinn aig an àm so a cur chunntais dh’ionnsaidh na feadhnach sin a tha air deireadh ann am pàigheadh a phaipeir, agus feumaidh sinn iarraidh air gach aon aig am bheil a bheag no mhor ri pàigheadh sin a dheanamh gun dàil. Mar a tha fhios aca cheana tha sinn a nise fo chosdus mhor, agus cha’n urrainn duinn deanamh an aonais airgeid. Cha’n eil sinn ag iarraidh air neach sam bith ach ar cuid fhéin, agus tha sinn an dochas nach diùltar sin dhuinn. Cha’n eil romhainn an deigh so a bhi toirt iomraidh air pàigheadh ach gle ainneamh, oir tha fhios againn nach eil e idir taitneach d’ar leughadairean [?] sanais. Cha n ioghnadh leinn idir “Alasdair an Ridse” bhi labhairt mar a tha e. [TD 63] [Vol. 7. No. 8. p. 7] DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. Am Feillire. SEPTEMBER, 1898. 1 Dior-daoin Blar Sedan, 1870. 2 Di-haoine Teine mor Lunnainn, 1660. 3 Di-satharna Bas Chromwell, 1658. 4 DI-DONAICH 13mh Donach na Trianaid. 5 Di-luain Breith Raibeirt Mhic Fhearghais, 1750 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin 8 Dior-daoin Glacadh Sebastopol, 1855. 9 Di-haoine Bas Chaluim Chille, 597. 10 Di-satharna (9) Blar Flodden, 1513. 11 DI-DONAICH 14mh Donach na Trianaid. 12 Di-luain Glacadh Chuibeic, 1759. 13 Di-mairt Bas Uilleam Pitt, 1806. 14 Di-ciaduin 15 Dior-daoin 16 Di-haoine Bas Sheumais VII, 1701. 17 Di-satharna Seisdeadh Dhuneideann, 1745 18 DI-DONAICH 15mh Donach na Trianaid. 19 Di-luain Clo-bhualadh a cheud leabhair, 1471. 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin Bas Sir Walter Scott, 1832. 22 Dior-daoin Blar Sliamh-a-Chlamhain, 1745. 23 Di-haoine 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH 16mh Donach na Trianaid. 26 Di-luain Crùnadh Uilleam Rufuis, 1087. 27 Di-mairt 28 Di-ciaduin Bas Dheorsa Buchanan, 1582 29 Dior-daoin Breith Morair Nelson, 1758 30 Di-haoine Breith Uileim Chuimein 1715 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 6, M. 37 F. An Solus Ur, L. 15, U. 7, M. 56 F. A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 10, M. 25 F. An Solus Lan, L. 29, U. 6, M. 54 F. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. MAC-TALLA “Gu math fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc. AN STOR AIG Issac Greenwell, SIDNI. C. B. [TD 64] [Vol. 7. No. 8. p. 8] LITIR A CEAP NOR. A CHARAID,—’Nuair a chuir mi air falbh mo dholar d’ar n-ionnsuidh cha robh ùine agam air dad a naigheachdan an àite so a chur ’n a chois; ach a nis, o’n tha’n aimsir cho mi-fhreagarrach air son am feur fhaotuinn fo dhion ni mi dichioll air beagan a chur sios ’s an litir so. Tha mi ’m barail gu ’m bi feur gu leòr againn am bliadhna, ge be cò an là gheibh sinn a chriochnachadh. Ged nach do chuir sinn uiread de chrithneachd riamh an aon bliadhna, cha mhòr a bhios againn air son ar saoithreach leis mar tha e air a mhilleadh leis a’ mheirg. Tha’n coirce ’coimhead coltach, ach o’n tha’n duthadh air a bhuntàta, cha’n fhios duinn cionnas a thionndaidheas e mach. Gun teagamh ’s còir dhuinn a bhi taingeil gu bheil biadh gu leòr, agus ri sheachnadh, ’s an Uachdaranachd so, agus nach ruig neach sam bith a leas mòran fhulang le dìth bidh. Ghiùlaineadh an amhach-ghoirt (diphtheria) d’ar n-ionnsuidh o chionn dà mhìos, le aon de na caileagan a bh’ air chuairt am Boston, agus gus na chuireadh fios air lighiche á Baddeck cha chreideadh a chuid mhòr de’n t-sluagh gu’m bi bh’ann; air chor ’s gu bheil an tinneas a nis an deigh ruith air àireamh de thaighean, ged nach do dh’ eug leatha ach dithis chloinne. Bu le Iain ruadh Domhnullach an ceud, aois thri bliadhna deug de chaileig eireachdail, agus an dara aon an t-aon phàisde nighinn aig an Urr. Lachluinn Peutan, nach ’eil ach ùine gle ghoirid anns a mhansa. Cha chreid mi gu bheil ach àon chàs eile de’n tinneas ’s an àite aig an àm so, ach tha aobhar eagail nach deachaidh cuid de na taighean ’s an robh an tinneas a ghlanadh cho maìth ’s a dh’ fheumadh iad. Thuirt mi nach ruigeadh neach sam bith a leas mòran fhulang le dìth bìdh, a chionn gu’m bheil am biadh cho pailt ’s an Uachdaranachd againn, ach tha mi ’nis a smuaineachadh gu’n ruig agus gu feum mòran fulang mur dean sinne ar dleasanas air an naodhamh-la-fichead de’n mhios so, le ’bhòtadh gu duìneal an aghaidh na deoch làidir. A dh’ aindeoin pailteas bidh agus nithe maithe eile ’s an tìm a chaidh seachad, bha fulangais air an aobharachadh le luchd reic agus luchd-òil na deoch làidir nach urrain sinne ’thuigsinn, ged nach luaidheamaid idir air an àireamh uamhasach de ’mhìltibh a th’air an giùlan sios leatha gach bliadhna gu truaighe shiorruidh. Leugh mi an àit-eigin gur h-i nàmhaid a’s mò ’th’aig an Tighearna air an talamh, agus an caraid a’s fearr a th’aig Sàtan. Ma tha sin fiòr, nach maslach do dhuine sam bith aig am bheil bhòt mur bhòt e ’n a h-aghaidh. “An tì nach ’eil leinn tha e ’ar n-aghaidh.” ’N uair a bhios ùine agam cluinnidh sibh uam a rìs. Is mi, &c, M.D Ceap Nòr, Sept 1, ’98. Thachair sgiorradh cianail aig Cornuail, ann an Ontario, bho cheann seachduinn. Tha rathad-iaruinn ùr ach beag ullamh a nis eadar Ottabha ’s Iorc Nuadh. Tha ’n rathad a’ dol seachad air baile Cornuall. Tha carbadan a ruith cheana eadar am baile so agus Ottabha. Tha faisge air a’ bhaile so amhuinn mhor Chanada ’ruith ann an da shruth-chlais. Tha da dhrochaid mar so ri bhi air an togail airson carbadan an eich iaruinn a ghiulan thairis air an Naomh Laurence gus na Stàidean. Bha àireamh mhor de dhaoine ’cur suas na drochaid iaruinn air a chlais mu dheas, ’nuair a thuit aon de na bunaitean cloiche a bha air an togail bho iochdar na h-aimhne, ’s air an robh an drochaid iaruinn ri ’cudthrom a leiginn. Aig cuig mionaidean roimh àm na dinneireach thuit aon de na bunaaitean; thainig an drochaid iaruinn a nuas da fhichead no leth-cheud troigh, agus thuit gach duine ’bha air an drochaid. Chaidh cuig deug a mharbhadh air ball, agus chaidh cuig deug no tuille ’s cuig deug a chiurradh—cuid diu gle ghoirt. Fhuaireadh cheana tri deug de na cuirp. Tha iad air an adhlacadh leis gach urram ’us caoimhneas a’s urrainn do luchd a’ bhaile ’nochdadh doibh. Tha e da rireadh iongantach nach robh gach neach a thuit leis an drochaid, air a mharbhadh. Is e ceatharnaich òg, laidir a bha anns na daoine ’bha ’cur suas na drochaid iaruinn. Is ann an Pennsilvania, ann an oibrean cuideachd drochaidean Phoenics, a chaidh an drochaid iaruinn a dheanamh; agus is ann bho ’n aite so a thainig an luchd-ceaird a bha air am marbhadh no air an leonadh, ’n uair a thuit an drochaid. Mo thruaighe! chaidh casan fir no dha ’bhruthadh gu goirt. Fhuair fir eile bruthadh cruaidh. Tha iad tri-deug no tuille ann an àireamh a’ teachd air an aghaidh gu fabharach. Tha mulad trom air feadh na coimhfhearsnachd gu do thachair sgiorradh co eagalach agus co tiamhaidh. On tha ’n amhuinn co cas agus co domhainn, agus on tha ’n reothadh co trom agus co cruaidh anns a gheamhraidh, carson nach bitheadh gach bunait drochaid co laidir, neartmhor, seasmhach, innleachdach ris na bunaitean a tha ’cumail suas, o cheann iomadh bliadhna, Drochaid Bhictoria, ann am Montreal? An Editor’s Pants. Bheir sinn bliadhna dhe ’n MHAC-TALLA mar dhuais, do ’n neach a chuireas ugainn, eadar so agus deireadh October, an t-eadar-theangachadh a’s fearr air na roinn a leanas:— Lives of poor men oft remind us Honest men won’t stand a chance: The more we work there grow behind us Bigger patches on our pants. On our pants, once new and glossy, Now are stripes of different hue, All because subscribers linger And won’t pay us what is due. Then let us all be up and doing, Send your mite, however small, Or, when the snow of winter strikes us, We shall have no pants at all. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarruidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $4.00 Sia miosan, 2.00 Tri miosan, 1.00 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. C. H. HARRINGTON & CO. NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. [TD 65] [Vol. 7. No. 9. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 23, 1898. No. 9. BEATHA AGUS EUCHDAN AN RIDIRE UILLEAM WALLACE. Earrann II. (A CUAIRTEAR NAN GLEANN.) Dh’fhàg sinn Wallace agus a cheatharnaich a’ tarruing an analach air an làraich fhuilich, an deigh an ruaig a chur air a’ champ Shasunnach d’an rìoghachd féin. Ma dheireadh, bu bhuidhe leo sìth a dheanamh ri Albainn; agus chaidh an t-sìth so ’cheangal ann an eaglais Baile-’n-Rua’-ghlinn (Rutherglen), air ceud mhìos an earraich, sa’ bhliadhna 1297. Bi’n t-sith sin plathadh na greine ’san là fhoghair—fathleus neòil shiùbhlaich air uchd aonaich. Cha bu bheò leis na Sasunnaich mar cìosnaicheadh iad Albainn, agus mar faigheadh iad greim air Wallace, a mharbh cho iomadh dhiùbh. ’Sann mar sin a bha; an ceann leth-bhliadhn’ an deigh do ’n t-sìth a bhi ceangailte, thainig òrdugh rìoghail á Sasunn, mòd mhòr a chumail ann am baile Inbheràir. Thainig iomadh de uaislean na coimhearsnachd chum na coinneamh so; ’s ma thainig b’fhearr dhoibh fuireach aig an tigh. Chaidh mòran dhiùbh, le claon-bhreth, a dhearbhadh nan slaoiteirean, agus a chrochadh. B’ ann diùbh so Sir Raonal Crawford, siorram a’ bhaile, agus brathair-màthar Wallace; Sir Bryce Blair; Sir Nial Montgomery; agus Baron Kyle, Baron Cunningham, Baron Carrick, Baron Clydesdale, agus mar sin. Coma co dhiùbh, fhuair iasg no dhà troimh ’n lìon, a dh’ innis do Wallace mar thachair. Ghlac e ’chlaidheamh, air ceann leth-cheud biùidh; rainig e mu mheadhon-oidhche baile Inbheràir; agus chuir e ri theine, fear ma seach, gach tigh anns an robh na Sasunnaich nan cadal. ’Nuair chual an gearastan mar bha, mach thug iad gun umhail, gun arm, a chasg an teine le bucaidean làn uisge. Chaidh an uisge ’s am fuil a mheasgadh;—mharbh Wallace agus a bhuidheann a h-uile mac màthar dhiùbh! Cha bu leòir so. Mach gabhar a nis, agus mèarsar gu Glaschu. Glacar Morair Percy e féin, agus a champa; agus thugar air an t-iasg a phàigheadh dùbailt a thug a sheisear saighdearan uaith aig uisge Irbhin. Thoilich mòran a nis druideadh suas ri meirghe an laoich, an aobhar an dùcha, ’s an aghaidh Shasuinn. B’ann diùbh so Raibeart Bruce, Iarla Chaisteal Carric; Raibeart, easbuig Ghlaschu; Morair Seumas, àrd thainisteir Albainn; Sir Iain Stiùbhart, a bhràthair; Sir Aindrea Mac-Mhuirich, triath Bhùth-Bhaail;* Sir Uilleam Dùglais; agus Raibeart Boyd. ’Nuair thainig so gu cluasan Iomhair, rìgh Shasuinn, chuir e nìos 40,000 (da fhichead mìle) fear-cogaidh a thoirt còthail dhoibh. Choinnich na h-airm aig Irvine; ach o nach robh na h-Albannaich ach tearc, rinn iad cùmhnantan sìth gun bhuille a bhualadh. Ach ged a chaidh gach cùis a shocrachadh air taobh ’s air thaobh, cha b’fhad’ a sheas na Sasunnaich r’am focal. Chuir iad an t-easbuig ’san toll-dhubh ann an caisteal Roxburgh, agus Sir Uilleam Dùglais am priosan ann an caisteal Bherwick. ’Nuair chunnaic Wallace so, chuir e roimhe nach biodh e nasgaidh. Rug e air a’ champ Shasunnach a’ dol troimh Ghalloway. Ghlac e’n stòr, agus tri cheud fear a bha na chois! A mach o’n là so, rinneadh Wallace na sheanalair air an arm Albannach, agus na chileadair air an rioghachd, mar fear-ionaid Rìgh Iain. Cha luaithe fhuair e’n comannd, na leig e fhaicinn nach bu neo-àraidh e air. An ceann latha no dhà, thug e aghaidh air Strìla, iuchair na Gaeltachd; agus mu ’m buileach dh’fhosguil na saighdearan an sùilean, ghlac e’n caisteal. As a so, thug e Earraghàidheal agus Lathurn air; agus spion se iad á làmhan nan Sasunnach. Chaidh e ris do Pheairt, agus thug se air strìocadh; as a so gu Forfar, Brechin, agus Montrose, a ’cuir sop teine riu mar b’fhiach iad cosdas an dion. ’Nuair rainig e Aberein, bha’n gearastan na aon lasair theine—deanadas nan Sasunnach mu ’n do ghabh iad cead an coise. Cha robh a nis gearastan mu thuath air Peairt nach d’rinn ùmhlachd do Wallace ach Dundee, aig beul na h-aibhne (Tay). Am feadh a bha e ’cuir séisd ris an daingneach so, fhuair e fairbheanadh gu robh Iain, Iarla Surrey, a’ tighinn air cheann 40,000 fear cogaidh. Chuir Wallace roimhe nach tugadh e coinneamh dhoibh ach air làraich a b’aithne dha féin. Mhears e, uime sin, gu Strìla, agus shuidhich e ’champ air tullaich a tha os-ceann Camus-Choinnich, mu thuath air an abhuinn Forth. Cha’n eil àth air an abhuinn anns an àite so, no àite far an rachadh duine thairis, gus an ruigeadh e drochaid-mhaide ’bha dluth do Shrìla. Thainig an t-arm dearg, agus shuidhich iad an campa taobh deas na h-aibhne. Bha’n dà arm a nis mar tha Dubhairt ’s Dunolla—’se sin, mu choinneamh a cheile. ’Nuair chunnaic na Sasunnaich nach robh nan aghaidh ach làn an dùirn de Albannaich, chuir iad dithis pears’-eaglais chuca le cùmhnantan sìth, mu’m biodh am fuil air an ceann. Ach bha na cùmhnantan cho tàmailteach ’s gu ’n dubhairt Wallace ris na teachdairean gràsmhor,—“Innsibh do ’ur n-oifigich nach ann airson sìth iarraidh a thainig a thainig na h-Albannaich do’n àite so. Innsibh dhaibh gu bheil sinn deas airson còmhraig—gu bheil ar claidhean air chùl-dùirn againn—agus, ma thig iad air an aghaidh, gum faic iad mar a laimhsicheas sinn iad ann an aobhar ar dùcha.” Thog an teachdaireachd so fraoch agus frionas air na seanalairean Sasunnach, agus thubhairt iad r’a cheile, “Thugamaid an sàs annt’ a thiotadh, agus slugamaid suas iad!” Bha Albannach, fear Lundy, sa’ champa Shasunnach, a chomhairlich dhaibh amharc rompa; oir gu ’n robh esan cinnteach, do réir gnàths Wallace gu’n robh cùl-taic a thaobh-eigin aige, airneo nach biodh e cho gòrach ’s na h-uiread de armailt a sheasamh le làn an dùirn. Coma, cha bu nì leis na seanalairean cluas a thoirt do chomhairle Lundy. An òrdugh mèarsaidh chaidh iad; deanar air an drochaid fhiodha (an drochaid a thug Wallace manear, là no dhà roimh, a sailean a ghearradh); rachar thairis mu thuaiream seachd mìle dhiùbh, agus deanar air a’ chnoc far an robh Wallace ’sa dhaoine an òrdugh blàir a’ feitheamh orra. ’Nuair chunnaic Wallace na Sasunnaich a dlùthachadh, thòisich e ri dol air ais, mar gu’m b’eadh le eagal, nì ’nuair chunnaic na Sasunnaich, ghreas iad an ceum chum an ruaig a leantuinn; ach sùil gu’n tug e na dheigh, cha robh bratach ri fhaicinn ’na champa! Bhris an drochaid bhreòite le cudthrom an t-sluaigh; agus bha iad an sin nan ceudan a plubraich ’sa’ spùtail. ’sa’ foghlum snàmha, le’n spuir ’s le’m bòtainean! Chunnaic Wallace a nis gu’n robh an t-àm tòiseachadh orra; agus ciod a th’agad air, ach de na seachd mìle ’chaidh thar na h-aibhne, cha deach mac Sasunnaich as ach an seanalair, agus còig no sèa a shnamh an abhuinn! Bha Surrey ’sa’ chuid eile de’n arm taobh deas na h-aibhne, gun chomas buille ’bhualadh, no dol ceum air aghaidh. Smuainich e nis gu’n cuireadh e ri theine na bha làthair de ’n drochaid, a chumail Wallaice air an taobh an robh e; ach ’s beag feum a rinn so dha, oir bha ’n Stiùbhartach mòr, tainistear na rìoghachd, agus Iarla Lennox, am foill-fholaich air a chùlthaobh. Leum iad so a nis suas. Thug iad annta, agus lean iad an ruaig gus an d’rainig iad Berwick. Thuit anns a’ bhlàr ainmeil so, a’ measg iomadh sàir, fear Cressingham—Iùdas Sasunnach a bha cho fuathach leis na h-Albannaich, ’s ’nuair fhuair iad greim air a chlosaich gu’n d’rinn iad feanna-bhuilg air. ’Nuair thiormaich agus a chruadhaich, iad a sheiche, roinn iad i na spliùcain bheaga, cha b’ ann a chumail an tombaca, ach gus a leigeadh fhaicinn mar insig air a chàirdean, agus mar dhùlain d’a dhùthaich. Bha ’bhuaidh-làraich so cho glan ’s nach faicte ’nis Sasunnach an Albainn. Cha’n e sin, ach cha robh a nis gearastan nach do thilg a gheata sraointe suas do’n cheatharnach Wallace! Chunnaic sinn a nis Rìgh Iain air a chur thar a’ chruin—an rìoghachd air a cìosnachadh, agus fo chìs—prionnsa fuadain air Albainn; ach ceithir mìosa deug seachad, agus faic a nis Albainn ann an làn shealbh a saorsa agus a glòir nàdurra—gun chìs do choigreach—gun aithne air prionnsa fuadain; agus so le euchdan aon duine—aon duine le làn an dùirn do dhaoine gun airm, gun ionnsachadh, ach na thug iad o nàdur agus o’n nàmhaid! Ged bha ’chreach mòr a bhuinginn sinn ann am blàr Shrìla, bha aobhar-eagail gum biodh gorta ’san dùthaich, airson mar dhich na Sasunnaich suas i. ’Nuair chunnaic Wallace so, dh’ òrduich e gach mac màthar a bha coi’-lionta, o shèa-bliadhn’-deug gu trì fichead, a dhol fo’n armaibh, agus a bhi deas anns gach ceàrn gu tionndadh a mach gu faiche, seach mu seach, ’nuair thoilicheadh esan. Thug e manear, sa’ cheart àm, croich a chur suas anns gach baile agus frith-bhaile, chum gach fear a chrochradh a thréigeadh a bhratach, no ’dhiùltadh a lean ailt an am feuma. ’Nuair chuir e, mar so, Albainn fo riaghailt, a’ suidheachadh oifigich an sud ’s an so, mach a ghabh e féin agus a laoich, agus thugar Sasunn air. ’Nuair rainig iad Northumberland, chuir ainm Wallace a leithid do ghiorag ’s do ghairisinn orra, ’s gu’n do theich a h-uile mac màthar dhiùbh. Cha d’iarr Wallace ni b’fhearr. Thog e creach nach robh faoin, agus chuir e reisimeid dhachaidh leatha do dh’Albainn. As a so, ghabh e air aghaidh gu Newcastle ’s gu Durham, gus a nis na chuir an geamhradh dhachaidh e. Bha aon bhaile beag air an rathad, * Bothwell. [TD 66] [Vol. 7. No. 9. p. 2] ris an canadh iad Kyton, a thug anabarr smàdaidh agus cànaidh dha, an earbsa nach robh e ’na chomas coire ’dheanamh orra, a chionn gu’n robh iad air an cuartachadh le dìg mhòir uisge. Cha robh fhios aca có bh’aca. Ghrunnaich Wallace agus a dhaoine an abhuinn, agus chuir iad am baile na smùid. Chaidh ainm Wallace a nis cho fada ’s cho farsuing, ’s gum b’e bu chòmhradh anns gach comunn ’san Fhraing, cho maith a’s an Sasunn. ’Nuair chunnaic Iomhar so, cheangail e sìth a thiota ri Philip-Fionn, righ na Frainge, a’ toirt a thoil féin dha anns gach ni, ach e ’chuideachadh leis Albainn a chìosnachadh. ’Sann mar sin a bha. Chaidh armailt mhòr a thogail. Choinnich iad aig Newcastle. As a sin mhèars iad do dh’ Albainn, ceithir mile agus cóig ceud each, agus còrr ’us cóig-fichead mile saighdear-coise. Dhaingnich iad Berwick, agus ghabh iad rompa gu Roxburgh, far an d’fhuair iad òrdugh bho Iomhar fuireach gus an tigeadh e féin, agus an rachadh e air an ceann. Cha luaithe rainig e Sasunn á Flanrus, far an robh e ’san àm, na chuir e litrichean gu Wallace, làn do spìd agus do thàmailt, ag ràdh, nam biodh esan ’san rìoghachd, nach robh a’ chridhe aig’ a shròn a sheideadh, aon chuid an Albainn no an Sasunn; ach nach b’fhada ’nis gus am faigheadh e duais a pheasantachd. Ghabh Wallace ri teachdairean Iomhair mar bu chubhaidh, le meas agus mòralachd. An ceann latha no dhà leig e dhachaidh iad, ag iarraidh orra innse do Iomhar gu’m “b’fhearr a dheanamh no ’ghràtin;” agus, ge bu mhòr a bhòilich ’sa spagadagliog, gum faiceadh e Wallace ann an Sasunn roimh Chàisg. Rinn e mar gheall e. ’Nuair thainig an dà champ am fradharc a cheile, bu ghreadhnach an sealladh! Bha na Sasunnaich cho lìonmhor ris na meanbh-chuileagan, ’s an claidhean, ’s an criosan, ’s an clogadan a’ dearsadh anns a ghréin; a’s cò ach iadsan—an drumachan a’ beatadh, an tiompanaibh a’ gleadhraich, ’s an trùpaichean a’ snotraich. Chìte Wallace agus a bheag bhuidheann gun ghleadhraich, gun bhòsd, ach àrd leadan agus cliath-luath na pìoba—a h-uile fear ’s a bhonaid sgroigte air a mhallaidh, a làimh air a chlaidheamh, ’s a shùil air a chòirneal. ’Nuair chunnaic Iomhar an aogas colgarra, an deanamh leomhanta, agus tomailt an lannaibh, chuir e ’chomhairle r’a oifigich. Dh’aontaich iad gum b’ fhearr teicheadh math na droch fhuireach, agus thug e Sasunn air gun bhuille ’bhualadh! Thug e gu leòir do Wallace ri dheanamh a ghillean a chumail gun bhi ’n sàs annta. Nan rachadh, b’iomadh fear còta mhàdair air am biodh an aire-chloiche an oi’che sin! Gheibh sibh a’ chuid eile ri ùine, ma’s beò MAC-TALLA. MEIRLEACH GHLINN-AMAIN. Bha la gu ’n robh moran tuatha bheaga ann an Gleann-amain an Siorramachd Pheairt, ged tha e ’n diugh fo chaoraich. Bha iomadh teaghlach sona far an gann a ghabhas na làraichean faicinn a nis. Is ann an sin a tha am blathas agus an cairdeas anns a’ ghleann ach chaidh na gillean calma agus na h-igheana tlachdmhor a rugadh thar chuaintibh, agus na tighean seasgair a leagail a dheanamh aite do na caoirich. Aig an àm anns an robh an gleann fo làn àiteachadh bha spreidh ga ’n goid gu tric agus gun fhios co bha ga dheanamh. Na ’m biodh mult lan reamhar aig fear airson a theaghlaich dh’fhalbhadh e mar gun sluigeadh an talamh e. An laogh a bha ga bhiathadh air son cuirme, rachadh a thoirt bharr an naisg. Bha chuid a b’fhearr d’an chrodh agus do na caoirich ga ’n togail a dhain-deoin gach seoltachd. Bha làn chinnt gu’n robh am meirleach anns a ghleann, co air bith e. B’iomadh oidhche bha gillean tapaidh, furachar na’n caithris airson a mheirlich ach cha’n fhac iad riamh e. Cha bu luaithe leigeadh iad diubh bhi ri faireadh na bha am meairleach air seol mar bha e roimhe. Cha’n e mhain gu’n robh crodh agus caoirich a’ falbh, ach bha’n caise, an t-im agus an t-aodach a gabhail sgiathan daibh fein. Bha gun teagamh amharus air fear no dha, ach cha robh ann ach barail. Aig deireadh an fhogharaidh bha ceithir ghillean oga a’ pilltinn dachaidh o’n Fheill-micheil a baile Chraobh. An uair a bha iad a gabhail na slighe bha iad an drast a’ togail luinneig gu sunndach agus a rithist is ann a bha iad an impis a bhi ’n sgornanan a cheile agus tiota beag an deigh so cha robh air an t-saoghal na bu chairdeile na iad. Tuigear le so gu ’n deachaidh an drama an ceann nan gillean, agus gu’n robh iad co lan misneachd ri ceithir leoghainn. “’Nuair tha ’n deoch a stigh tha chiall a muigh.” Bha ’n oidhche air fas’ gle dhorcha mu’n do rainig iad fagus do Choineachan. Chionn nach robh fear diubh dol na b’fhaide rinn iad suidhe ri taobh an rathaid gu drama eile bhi aca. “Faicibh fhearaibh,” arsa Domhnull beag, “far a bheil a’ ghealach an nochd. Cha chreid mi nach ’eil i air seacharan.” Sheall cach ri taobh deas a ghlinne agus chunnaic iad fagus do mhulach na beinne solus dealrach. Bha fhios aca nach robh e coltach gu’m biodh neach an sin aig an uair sin a dh’ oidhche. “Cha ni cneasda tha’n sin,” thuirt Seumas agus crith oilte air. “Biodh e cneasda no neo-chneasda,” ars’ Iain mor, agus e ag eirigh agus a’ bualadh a dhuirn air e bhios, “is mise an duine nach gabh eagal roimhe, agus bidh fhios agamsa ciod a th’ann mu ’n tig ach goirid.” Le so thug e null troimh an abhainn. Bu nar le cach gun bhi co treun ris; thog iad orra ris an uchdaich, ghairbh, chas sin gus am b’ eiginn doibh stad car tiota le cin na h-analach. Chum iad ris an t-solus cho direach ’s a b’urrainn daibh. Air direadh dhaibh mar so fagus do mhile astair, thug iad fanear gu’n robh an solus a’ dealradh a mach a toll a bha am bun creige aird. Bha iad a’ tighinn gu tur agus tuigse agus mar bha iad a dluthachadh air an t-solus bha iad a gluasad na b’fhaicilliche air eagal gu’n cluinnteadh teilmirich an cosan air an sgarrnaich. Rainig iad mu dheireadh an toll as an robh an solus a dealradh. Chunnaic iad an sin uamh. Bha teine sunndach air meadhan an urlair agus mu ’choinneamh bha duine mor ruadh na shineadh air leaba fhraoich. Bha spag uain aige air bior ris an teine. Bha e aig an dearbh am a cluich air na trompan agus a cur car d’an bhior le chois. An uair a bha na gillean a sealltainn air car tachdain, rinn Domhnull cagar an cluais Iain Mhoir gu’m b’e sud am mearleach. Cha robh iad fada an teamagh mu ’n chuis so, oir thug fear na h-uaimh na trompan o’ bheul agus thog e ’n luinneag,— Tha mearlach nan slad Ann an caol Ghlinn-amain; Is eolach tha’ cheum Mu bhruachaibh na h-abhann. ’S iomadh bo tha gun laogh, ’S iomadh caor tha gun uan; Is branach an gaoir Da thaobh Ghlinn-amain. Cha d’ eisd Ian Mor ri tuilleadh d’ an oran an uair bha e stigh agus an greim ann. Mor agus mar bha Iain cha b’ fhada bhiodh a ghleachd a dh’ aon taobh mur biodh aige ach e fein. Bha beul na h-uaimh cho cumhan ’s nach faigheadh ach fear an deigh fir a stigh. Rinn am meairleach strith uamhasach ach b’eiginn da striochdadh agus cheangail na gillean a lamhan air a chulaobh. An uair a fhuair iad buaidh air a mheairleach thug Iain suil air spag an uain, “Nis fhearaibh,” ars’ Iain, “cha bu mhiste sinn greim suipeireach an deigh na thachair agus tha’n spag so a nise deas.” “An e gu’n ithinnse feol bhradach,” arsa Domhnull, “cha teid mir am bheul di.” Mur ith thusa i fag i, ach is aon amhaich a dhiolas air, agus mur eil mi meallta is e an t-uam duth agad fhein a th’ann faic, sud an ceann aìge.” Sheall Domhnull agus dh’ aithnich e an ceann duth a dh’ fhag e gu tearuinte aig baile mu ’n deachaidh e thun na feill. Bha e ’n cuthach co mor ’s gu’n cuireadh e as do ’n mheairleach an sin fein, ach chum cach bacadh air. Fhuair na gillean biadh de gach seorsa anns an uaimh, agus dh’ith iad gu cridheil. An uair a rinn iad so, thuirt ann meairleach. “Bho ’n thachair mar thachair gheibh sibh pige de dh’ uisge-beatha air cul na cloiche ud thall, tha e co math sibhse ga ol agus fhagail an sin.” Thug iad lamh air an uisge bheatha, air son an tuille cron a dheanadh daibh féin, agus thug iad drama do’n fhear ruadh. An uine nach robh fada bha meairleach cho cridheil ri aon diubh. “Thugaibh an aire duibh fein,” thuirt Seumas, “agus togaibh de so. Cha’n iarradh an crochair mor so na b’ fhearr na ’n daorach a chur oirnne agus is e sin a bha na ’bheachd le bhi co fialaidh.” “Tha thu ceart,” fhreagair cach, “bheir sin an strath oirnn.” An uair a rainig iad an strath cha robh cadal ann an oidhche sin, bha gach neach a’ ruith a dh’ fhaicinn a’ mheairlich agus a cumail suil nach faigheadh e as. Moch anns a mhaduinn chaidh am meairleach a thoirt do Chraoibh far an do chrochadh e. Tha toll a Mheirlich air fheuchainn gus an latha diugh, agus tha iomadh neach a dol astar ga fhaicinn. SGEULACHDAN ARABIANACH. Na Tri Ubhlan. CAIB. XII. Bha bantrach Niuridin an duil gur ann mar olcas rithe, agus gu furran a chur oirre, a bha Shaban a’ moladh nam pitheannan a fhuair e ann am buth a’ chocaire, agus air an aobhar sin thuirt i, “Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu’m bheil na pitheannan a rinn an cocaire na ’s fhearr na ’n fheadhainn a dheanainn fhein. Tha mi suidhichte gu’n cur mi dearbhadh air a’ chuis gun dail. C’aite am bheil e ’fuireach? Bi falbh ’s a mhionaid agus ceannaich pithean uaithe.” Chaidh Shaban far an robh an cocaire agus thuirt e ris, “Mo dheadh chocaire, so agad airgiod air son fear dhe na pitheannan-uachdair cho math ’s a th’ agad. Tha toil ag te dhe na mnathan uaisle blasad orra.” Thagh Bedredin fear dhe ’n seorsa a b’fhearr agus thug e do Shaban e, ag radh, “Thoir leat am fear so. Theid mi ’n urras gu’m bheil e air leith math. Agus theid mi am bannadh dhut nach ’eil duine sam bith a’s urrainn a leithid a dheanamh ach mo mhathair, ma tha i beo fhathast.” Thill Shaban le cabhaig air ais, agus thug e a’ phithean do ’n bhantraich. Cha bu luaithe a rug i air as a laimh agus a chuir i criomag dhe ’na beul na thuit i ann an laisge. Chuir so ioghnadh mor air Schemsedin; agus thoisich e ri crathadh uisge air a h-aghaidh gus a toirt as an laisge. Cho luath ’s a thainig i as an laisge, ghlaodh i, “Mo Dhia! feumaidh gur e mo mhac graidh, Bedredin, a rinn am pithean so.” An uair a chuala Schemsedin so bha aoibhneas mor air; ach an uair a smaoinich e gu’m faodadh nach robh ann ach smaointean amaideach a bhuail anns a’ cheann aice, thuirt e, “A bhaintighearna, ciod e tha toirt ort a bhith ’g a smaoineachadh sin? Am bheil thu ’n duil nach ’eil cocairean eile air an t-saoghal a dheanadh pitheannan a’ cheart cho math ri do mhac-sa?” “Tha mi creidsinn gu ’m faod cocairean a bhith ann a dheanadh pitheannan cho math ris; ach o’n a tha doigh agamsa air an deanamh air nach ’eil fhios aig neach sam bith ach mo mhac, feumaidh gur e a rinn am fear so. A nis, a bhrathair, deanamaid gairdeachas agus aoibhneas; oir fhuair [TD 67] [Vol. 7. No. 9. p. 3] sinn mu dheireadh na bha sinn cho fad ag ionndrainn.” “A bhaintighearna,” arsa Schemsedin ’s e freagairt, “biodh foighidin mhath agad, oir gheibh sinn fios air bun a’ ghnothaich an uine gun bhith fada. Cha ’n ’eil againn ach fios a chur thun a’ chocaire e thighinn an so; agus aithnichidh tu fein agus mo nighean-sa ma ’s e Bedredin a th’ ann. Ach feumaidh sibh a bhith le cheile ann an aite falachaidh far nach fhaic e sibh; oir cha bu toil leam fios a bhith air muinntir Dhamascuis air mar tha cuisean ’nar measg. Tha run orm a’ chuis a chumail an cleith airsan gus an ruig sinn Cairo, far am bi spors is cridhealas gu leoir againn.” An uair a labhair e so, dh’ fhalbh e, agus chuir e fios air leith cheud dhe na seirbhisich a bha ’na chuideachd, agus thuirt e riutha, “Thugaibh leibh bata math am fear, agus nochdaidh Shaban dhuibh buth cocaire a th’ anns a bhaile. An uair a ruigeas sibh bristidh sibh a h-uile ni a tha ’s a’ bhuthaidh. Ma dh’ fheoraicheas e dhibh c’ar son a tha sibh a bristeadh gach ni, cha ’n ’eil agaibh a radh. “An tu ’rinn am pithean a cheannaicheadh an so an diugh?” Ma dh’ aidicheas e gur e fhein a rinn am pithean, beiribh air, agus ceanglaibh e, agus thugaibh leibh an so e. Ach air na chunnaic sibh riamh na buailibh e, agus na eireadh beud dha. Bithibh sgoinneil agus greasaibh oirbh.” Rinn na seirbhisich gun dail sam bith mar a dh’ aithn Schemsedin dhaibh. Cha bu luaithe a rainig iad a’ bhuth na ghabh iad a steach, agus bhrist iad a h-uile ni a ghabhadh bristeadh an taobh a staigh dhe ’n dorus mu’n do tharr Bedredin sealltainn uige no uaithe. Ghabh e ioghnadh mor an uair a chunnaic e an dol air aghart a bh’ aca, agus thuirt e le guth muladach, “A dhaoine coire, c’ar son a tha sibh ris an obair sin? Ciod a tha cearr? Ciod an t-olc a rinn mi?” “Nach tusa,” arsa fear dhiubh, “a reic am pithean ris a’ chaillteanach?” ' “Is mise an duine,” ars’ esan, “co is urrainn a radh, gur a h-olc, m’ a dheidhinn? Bheir e ’dhulan do dh’ fhear sam bith pithean na ’s fhearr a dheanamh.” An aite freagairt a thoirt dha lean iad air bristeadh gach ni a thachradh riutha. Bhrist iad an aghainn fhein m’ a dheireadh. Anns an am chuala na coimhearsnaich an obair a bha dol air aghart, agus ghabh iad ioghnadh mor an uair a chunnaic iad an call a bha ’n leith cheud fear an deigh a dheanamh air Bedredin. An uair a dh’ feoraich iad ciod a b’ aobhar do ’n chuis cha d’ fhuair iad freagairt a chord riutha. An uair a dh’ fhaighneachd Bedredin an dara uair ciod an cionta rinn e, thuirt iad ris, “Nach tusa ’reic am pithean ris a chaillteanach?” “Is mi gu dearbh,” ars’ esan, “agus tha mi deimhin gu ’n robh e gle mhath. Cha ’n ’eil mi toilltionnach air an droch dhiol a tha sibh an deigh a dheanamh air mo chuid dhe ’n t-saoghal.” An aite an tuilleadh feargairt a thoirt air rug iad air agus cheangail iad e agus thug iad leotha e. Chruinnich moran sluaigh aig a’ bhuthaidh, agus bha iad a’ dol a thoirt Bhedredin a lamhan nan daoine a cheangail e; ach thainig maoir o fhear-riaghlaidh a’ bhaile, agus dh’ iomain iad an sluagh air falbh, agus mar so thug seirbhisich Schemsedin leotha Bedredin gun ainneart sam bith fhulang o ’n t-sluagh. Thachair so a chionn gu’n d’ fhuair fear-riaghlaidh a’ bhaile fios o Schemsedin air an ni a bha ’na bheachd a dheanamh; oir bha ’m fear-riaghlaidh so a bha os cionn sluagh Shiria gu leir fo ughdarras righ na h-Eipit. An uair a thugadh Bedredin air beulaobh Schemsedin thuirt e, “Mo thighearna, guidheam ort gu ’n dean thu rium de dh’ fhabhar gu’n innis thu dhomh ciod an doigh anns an d’ thug mi oilbheum dhut?” “A dhuine thruaigh, shuaraich,” ars’ esan,” “nach tusa ’rinn am pithean a chuir thug g’ am ionnsuidh?” “Tha mi ’g aideachadh gur mi, ach guidheam ort, innis dhomh an robh mi ciontach de ghniomh eucorach sam bith?” ars’ esan. “Ni mise peanas ort a reir mar a thoill thu,” arsa Schemsedin. “Caillidh tu do bheatha ’cionn gu ’n do chuir thu a leithid de dhroch phithean a m’ ionnsuidh-sa.” “Gu’n sealladh Dia ort! An cuala duine riamh a leithid so! An do chuireadh duine riamh gu bas air son droch phithean a dheanamh?” arsa Bedredin. “Cuirear thusa gu bas co dhiubh. Na biodh duil agad ri na ’s lugha de pheanas,” arsa Schemsedin. Am feadh ’s a bha ’n comhradh so a’ dol air aghart, bha na mnathan uaisle a’ gabhail beachd air Bedredin. Dh’ aithnich iad e ’s a’ mhionaid, ged a bha iad uine fhada gun fhaicinn. Bha ’leithid de dh’ aoibhneas orra ’s gu’ do thuit iad ann an laisge. An uair a thainig iad as an laisge, b’e am miann a dhol far an robh Bedredin gus a phogadh. Ach o ’n a gheall iad do Schemsedin nach deanadh iad iad-fhein aithnichte anns an am, dh’ fhan iad far an robh iad. Chuir Schemsedin roimhe gu ’m falbhadh e air a thurus do’n Eiphit an oidhche sin fhein, agus thug e ordugh seachad na pailliuinean a leagadh,agus gach deisealachd fheumail a dheanamh air son an turuis. Fhuaradh bocsa mor, agus an uair a chuireadh Bedredin ann ’s a ghlasadh e, dh’imich iad air an aghart gun uiread is stad no tamh a dheanamh fad na h-oidhche, no an la-iar-na-mhaireach. Anamoch feasgar an uair a stad iad, thugadh Bedredin as a’ bhocsa, agus thugadh biadh is deoch dha; ach cha d’ fhuair e fios gu ’n robh a mhathair agus a bhean anns a’ chuideachd idir. Lean iad rompa mar so fad fichead latha. An uair a rainig iad Cairo, champaich iad an iomall a’ bhaile. Thugadh Bedredin an uair sin an lathair Schemsedin, agus ’na eisdeachd dh’ ordaicheadh croich a dheanamh a chum a chrochadh. “Ciod e air an t-saoghal am feum a th’ agaibh air croich,” arsa Bedredin. “Tha gus thusa ’chrochadh,” arsa Schemsedin, “agus do ghiulan air a’ chroich air feadh a’ bhaile gu leir, a chum gu’m faic sluagh a’ bhaile an droch dhiol a nithear air gach cocaire a ni pitheannan gun srad phipir a chur annta.” Ghlaodh Bedredin am mach air a leithid a dhoigh nach mor nach do bhrist a ghaire air Schemsedin, agus thuirt e, “Gu’n sealladh ni math ort! An eiginn domhsa bas piantach, maslach fhulang a chionn nach do chuir mi pipir ann am pithean-uachdair? Am feum mi call gach ni ris an t-saoghal a bh’ agam fhulang, a bhith air mo ghlasadh ann am bocsa, agus a bhith air mo chrochadh, agus sin gu leir a chionn nach do chuir mi pipir ann am pithean-uachdair? Gu ’n sealladh Dia ort! Co chuala riamh a leithid! An e so gniomharan dhaoine a tha ’g aideachadh a bhith diadhaidh, agus a tha ’cumail am mach gu ’m bheil iad firinneach, onarach, agus a’ deanamh gach obair mhath?” An uair a thuirt e so, shil e na deoir gu goirt. An sin thuirt e, “Cha d’ rinneadh a leithid so de dh’ eucoir air aon duine riamh. Am bheil e comasach gu’n cuirteadh duine gu bas a chionn nach do chuir e pipir ann am pithean-uachdair? Mo mhollachd air a h-uile pithean-uachdair, agus air an latha air an d’ rugadh mi! B’ fhearr gu’n d’ fhuair mi bas an latha sin fhein!” Lean Bedredin air caoidh air an doigh so; agus an uair a thugadh a’ chroich ’na lathair, thuirt e, “A chruitheachd! Co is urrainn am bas maslach, craiteach so fhulang? Agus so uile air son ni nach ’eil idir na chionta. Cha ’n ann air son spuinnidh no mort, no cul a chur ri m’ aidmheil, ach a chionn nach do chuir mi pipir anns a’ phithean.” O’n a bha ’n oidhche air tighinn, dh’ ordaicheadh Bedredin a chur a rithist anns a’ bhocsa, agus thuirt Schemsedin ris, “Bidh tu an sin gu madainn am maireach; ach gu math moch ’s a mhadhinn cuirear gu bas thu.” An uair a shaoil le Schemsedin gu’n robh sluagh a’ bhaile air gabhail mu thamh, chaidh e fein ’s a’ mhor chuideachd a bha maille ris a steach do ’n bhaile, agus rainig iad an taigh gun duine ’g am faicinn. Dh’ ordaich e am bocsa anns an robh Bedredin a bhith air a chur ann an aite sabhailte, agus gun fhosgladh gus an d’ thugadh e fhein ordugh dhaibh. (Ri leantuinn.) Meudaichidh eolas am peacadh, mur bi an cridhe air a theagasg co maith ris a’ cheann. LITRICHEAN EOGHAIN OIG. An Treas Litir. “Cha’n ’eil carraig air nach caochail sruth.” A Shair,—’S ann agamsa dhuibhsa tha ’n naigheachd. Fhuair mi chuid a’s feàrr de ’m ghaol, taing dhuibhs’ air son ar comhairl! Tha mi nis cho suarach mu Mharsali ’sa tha mi m’a brògaibh; tha mi ’gabhail mo bhìdh, ’s tha mo bhiadh a gabhail orm; agus ’se ’s cùis-ghàire dhomh gach là a bhi smuaineachadh air m’ amaideachd fein, ’n uair a bha mi suireadh oirre; ’n uair a rachainn ceithir mìle ás mo rathad ga m’ leigeil fein fhaicinn ’nuair gheibhinn còta na fheile-beag ùr—’nuair chaithinn an oidhche reòta ’n am chrùban aig a h-uinneig a’ guidhe oirre mo leigeadh a stigh, agus nach deanadh i ach gàire-fanoid orm, no theagamh glaodhaich r’a h-athair gu ’n robh meirleach aig an uinneig—’nuair a dh’ aon fhacal, bu shaoghal leam a cuideachd, agus as eugmhais a cuideachd nach bu chuideachd leam an saoghal. Beagan an deigh dhomh sgriobhadh an uair mu dheireadh chuibhtich mi ’n t-Eilean—thàinig àrdan mo chinnidh ’nam phòraibh, agus ged bha mo mhathair agus m’ athar an impis dol thar am beachd mu m’ thiomchioll, cha robh feum ann. Ràinig mi Baile-mor Ghlaschu; agus ma ràinig sin far am faca mi ’mhaise, a bhuigead, ’s an rìomhadh! Arsa mise ruim fein; “bu mhise faoileag an droch cladaich; ’siomadh Marsali tha’n so! Cha ’n fhaod gu bheil iad uile ’n aghaidh Eoghain Oig!” Fhuair mi obair an aith-ghearr, ach bha mi fhathast trom-inntinneach, agus do ghna ’g osnaich, mar neach a dh’ fhag a chridhe corr is ceud mìle ’na dhéigh! Rachainn dhachaidh gach oidhche a leugadh do sheòmar taoibh, agus cha tugadh an saoghal do chuideachd mi. Ma dheireadh dh’ fhàs mi eòlach air an teaghlach, agus gu sonraichte air nighean fir an tighe, Seonaid, boinne fola cho àluinn agus cho cho suairce ’s a chunnaic mi riamh! Gad tha ’na ceudan punnd aig a h-athair, ’nuair chuireas mi orm mo dheise Dhòmhnuich théid i leam do’n eaglais Ghaelich, far an faigh sinn a Ghaelic bhog thoirteil, agus bheir i d’a h-àite-suidhe fein mi. Tha mi ’n trath ’s an so a faicinn mo chàirdean, ach cha’n ’eil mi ’m beachd fuireach fada. Tha ’m pobull da-rìreadh caoimhneil ruim; cha ’n ’eil tigh d’an teid mi nach tairgear deoch uachdair dhomh agus copan de dhruchd nam beann, mar their sinn ’s a’ Gaidhealtachd ris. Rinn athair Marsali cuirm mhor agus chuir e fios orm; ghabhadh mi ’n cuireadh gu taingeil, ach cha b’ fhad’ a dh’ fhuirich mi; dh’ fhàisg Marsali mo làmh trì uairean, mar gu ’n abradh i “’Eoghain, Eoghain tha nàir’ orm a ràdh, ach feuchaidh tu mo thuigsinn;” agus dh’ innis caraid dhomh fein a rithisd nach tugadh an saoghal am follais i ’n deigh dhomh falbh. Cha do leig mi ’bheag orm ach thuirt mi rium fein, “An neach nach gabh ’n uair a gheibh, cha ’n fhaigh ’n uair is àill; bha thusa gòrach mar tha iomadh h-aon de d’ sheòrsa; cha ghabh iad na coisichean, ’s cha tig na marcaichean; ’s ann tha duil gad a chionn gu ’n robh d’ athair na phiobaire aig an tighearn’ gur bean uasal thu, agus gur h-ann air do cheann a tha ’ghrian ag éiridh! Uaisle! b ’i sin marag gun gheir, b’i sin aon snàthain sìod’ an lùraich, t-uaisle-sa! Ach leigidh mise fhaicinn duit, mo chaileag, gu’m faod thu ’n clobha ’ghleidheadh (Air a leantuinn air taobh 70.) [TD 68] [Vol. 7. No. 9. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth, ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKlNNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 23, 1898. BACADH AN STUTH LAIDIR. Mu ’n tig àireamh eile dhe ’n MHAC-TALLA mach bidh an latha seachad air am bheil aig sluagh na dùthcha so ri innse co-dhiu a tha no nach eil iad air son bacadh a chur air deanamh agus reic an stuth làidir. Tha sinn an dòchas gun dean an sluagh an dleasanas air an àm so, agus gu ’n toir iad breith chothromach agus cheart anns a chuis. Ma tha iad a meas gu ’m biodh bacadh a chur air na ni math do ’n dùthaich rachadh iad a mach gu duineil agus cuireadh iad an ceill sin le bhotadh a reir am barail; agus air an laimh eile ma tha cogais agus reusan ag innse dhaibh gur ann a bhiodh lagh bacaidh ’na chron do ’n dùthaich thoireadh iad an cuid bhot aichean seachad air an taobh sin. Cha ’n eil teagamh sam bith nach eil stuth làidir a deanamh call mor do ’n dùthaich agus do sluagh na duthcha, eadhon dhiabh-san nach eil iad fhéin a blasad air. Tha e ag aobharachadh bàis àireamh mhiltean na h-uile bliadhna, agus a cur o fheum mhiltean eile a dh’ fhaodadh a bhi nan daoine feumail dhaibh fhèin ’s d’ an dùthaich. Tha moran de na daoine a’s gibhteile agus a’s gealltanaich anns gach àite air an toirt a thaobh leis, agus cha ’n e mhain gu bheil an dùthaich a call seirbheis na feadhnach sin, ach tha aice ri ’n cumail suas. Tha na priosain, na taighean-obrach, agus na taighean bhochd, ann an tomhas mor air an lionadh leotha-san a chuir an uigh anns an òl, agus a bha air an treòrachadh leis o mhath gu olc, o phailteas gu bochduinn. Tha ann an Canada an diugh iomadh athair a chaill mac, bantrach a chaill fear pòsda, agus dilleachdan a chaill athair no màthair, nach bitheadh mar sin mur bhi gu bheil an lagh a ceadachadh a bhi deanamh agus a creic stuth laidir. Am beil a chuis gu bhi air a fagail mar so? Am bheil muintir Chanada toileach reic agus ceannach stuth làidir a leigeil air adhart, agus an liuthad olc, bochduinn, agus ana-ceartas a tha na luib? Tha sinn an dòchas nach eil, ach gur ann a chuireas iad bacadh iomlan air, agus mar sin gu ’n toir iad cothrom do shean us òg air a bhi stuama agus ann an seilbh air gach math a thig an lorg stuaime. Cha ’n eil sinn dhe ’n bharail gu’m b’ urrainn do ’n MHAC-TALLA comhairle b’ fhearr a thoirt air na Gaidheil na iarraidh orra dhol a mach Dior-daoin ’s a tighinn, agus bhòtadh air son bacadh iomlan a chur air an ni sin a tha ri uiread millidh air feadh na duthcha. AIMHREIT AN T-SAOGHAIL. Tha rioghachd glormhor na sith fada, fada air falbh fhathast. Tha sinn lan uabhair anns an linn so, do bhrigh gu bheil eolas nan aoisean againn, agus gu bheil sinn a’ deanamh tapaidh iongantach ann an iomadh innleachd ’us dichioll. Tha ’bhliadhna so fein lan de chogaidhean ’us de chomhstri ann an America, anns an Roinn-Eòrpa, ann an Africa agus ann an Asia. O cheann seachduinn fhuair an Ridir Citchener, an t-Eirionnach meamnach, gaisgeil, buaidh àluinn air na daoine iargalta, breuna, brùideil anns an t-Soudan. Is maith agus is ro-mhaith a fhuaradh an ceannard gasda, gleusda, Citchener. Cha ’n ’eil aig Breatunn thall no bhos, da sheirbhiseach a’s modha treubhantas, ’us gliocas, ’us morachd ’nan Tighearna Cromar agus an Ceannard Citchener. Is e Cromar, ann an seadh sonruichte, fear-riaghlaidh tuigseach agus comasach na h-Eiphit. Buinidh moran cliu dasan airson gach atharrachaidh greadhnach agus gach soirbheachaidh taitneach a tha an tir iomraiteach so ’sealbhachadh. Tha ainm a’ cheannard Gordon a nis ann am beul gach neach, on thug an laoch eireachdail Citchener, buaidh air a Chalifa bruideil, agus an fheachd nimheil a bha ’ga leantuinn. An deigh blar Thel-il-Cebir, chaidh Oolslidh agus a shaighdearan a chum tearuinteachd a thabhairt do Ghordon ann an Cartoum. Ma dh’ fhaoidte nach robh cothrom math no ceart aig an Ridir Oolslidh air euchdan mora ’dheanamh. Chaidh, co-dhiu, an ceannard foghainteach Gordon, a chuir gu bàs maslach le ’naimhdean ann an Cartoum. Is e comhnadh bochd, bochd a fhuair e bho luchd-riaghlaidh Bhreatunn, agus bho ’n fheachd le Oolslidh air a cheann. Is gle bheag a rinn na ceannardan agus na saighdearan Breatunnach aig an àm ud anns an t-Soudan. Phill iad air an ais gus an Eiphit mu thuath, gun aon euchd a chur an gniomh a b’ fhiach luadh no moladh a dheanamh air. Cha robh caraid ard no iosal, cumhachdach no dileas aig a’ bhalach bhochd Eirionnach, Citchener, an uair a thoisich e air aite ’ghabhail, ’s air gniomharan euchdach a dheanamh. Le teagasg ’us le durachd agus foighidinn anabarrach, rinn e saighdearan calma, easgaidh de na h-Eiphitich a b’ abhaist a bhi gun stath, gun ghaisge, ach ’nan cladhairean gealtach ann an stri nan lann. Aig blar Omdurman gleachd na h-Arabianich gu duineil agus gu dalma. Bha iad fuasach lionmhor. Cha ’n ann gun dragh ’us gun treoir uamhasach a fhuair Citchener agus ’fheachd lamh an uachdair orra. Is e mo bheachd nach d’ fhuair ceannard air bith, o cheann leth-cheud bliadhna, buaidh co cruaidh, sgairteil, duilich ’s a choisinn Citchener agus ’fheachd aig Omdurman. Tha ’nis crioch gu brath air ughdarras a’ Chalifa ’s a cheannardan mosach, bruideil anns an t-Soudan. Cha dean iad tuille mort ’us marbhadh gun truacantas, gun acarachd ann an taobh mu dheas na h-Eiphit. Tha Breatunn a nis steidhichte gu bunaiteach anns an Eiphit. Gu crioch an t-saoghail gleidheadh i sealbh air an Eiphit. Cumadh na Frangaich an teanga ’na dheigh so. Cha do dhoirt iad boinne fala ’s cha do chosd iad sgilinn airgid airson saorsa ’fhaotainn do ’n Eiphit. Dhoirt Breatunn moran fala ’us chosd iad moran maoin ann an saorsa ’s ann an soirbheachadh a cheannach do ’n tir bheartach ud, a bha air a cradh ’s air a maslachadh le ainneart, le anameasarrachd ’us le eucoir nan Pashas ’us nan Turcach. Tha sinn a’ cluinntinn le ioghnadh gu bheil Breatunn agus a’ Ghearmailt a’ pogadh beul ri beul. Tha Breatunn a’ faotainn comhnaidh on Ghearmailt, on tha i ’dol a chur crioch gu brath air ceap-tuislidh nam Frangach anns an Eiphit, agus a’ dol a radh le guth duineil, farsuing gu buin an Eiphit a nis dise, gu do thaom i fuil a saighdearan gu frasach airson coirean ’us saorsa na h-Eiphit, agus, air sgath nan Eiphiteach fein gur e ’run suidhichte, dachaidh a ghabhail anns an dùthaich so, ’sa cumhachd, ’s a didean, ’s a h-ionracas onorach, chliuiteach a sgaoileadh air Roinnean na h-Eiphit, tuath ’us deas, agus mar so air beatha ur, ’us tearuinteachd ’us seasgaireachd a thabhairt do gach neach ’us fine anns an Eiphit agus anns an t-Soudan, a tha ’n diugh taingeil, toilichte on chaidh an Califa a cheannsachadh gu tur anns an stri. Thainig an Eiphit air a h-aghaidh gu h-anabarrach ann am maoin, ann an sonas agus ann an saorsa, on cheud latha a sgaoileadh suaicheantas Bhreatuinn ann am bailtean mora ’s an ionadan arda na tire. Cha ’n eil traill an diugh anns an Eiphit far am bheil ughdarras Bhreatunn air fhaireachduinn. Chaidh obairean mora ’dheanamh cheana, a tha ’tabhairt moran buannachd ’us maith do ’n dùthaich. An uair a dh’ fhuasglar an t-snaim dhaingeann, fheineil a tha le uabhar na Frainge ’s rioghachdan eile ’cumail na h-Eiphit gu muladach air a h-ais, theid i air a h-aghaidh gu luath, ’us fasaidh gradh nan Eiphiteach ni ’s blaithe agus ni ’s treise do Bhreatunn, agus do Chromar ’us Citchener. Tha dochas laidir aig MAC-TALLA ’s agam fein gu bheil iomadh latha grianach air thoiseach air an laoch churanta, chomasach, Citchener; agus gun tig an latha anns am bi e ’na ard-cheannard air feachd Bhreatuinn gu h-iomlan. Cha dhi-chuimhnich daoine mora ’us foghluimte na rioghachd na blaran cruaidh a ghleachd e ’s na buaidhean iongantach a thug e ’mach anns an Eiphit agus an aghaidh daoine fiadhaich, iargalta, fuileachdach. Is e ceannard beusach, laghach a tha ann an Citchener. Bithidh iomadh, iomadh caraid dluth caoimhneil, blath aige anns gach cearna de Rioghachd mor ’us farsuing Bhreatuinn. CONA. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 69] [Vol. 7. No. 9. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh bristeadh a stigh do stor ann an Sidni Tuath oidhche Di-haoine s’a chaidh, agus bha mu dheich dolair de dh’airgead air a ghoid. Tha New Brunswick a tòiseachadh air togail moran crithneachd, agus tha aireamh de mhuillnean ri bhi air an togail am bliadhna air son flùr a dheanamh dheth. Tha iadsan a tha togail nam muillnean sin gu bhi air an cuideachadh le riaghladh na roinne. Thainig seann duine d’ am b’ ainm Iain Mac Eachuinn ri bheatha fhéin ann am Bridgeport, Di-luain s’a chaidh. Chunnacas e beò mu dheireadh aig ochd uairean sa mhaduinn, agus mu uair an deigh sin fhuaireadh e an crochadh marbh ris an staidhir. Bha e corr us tri fichead bliadhna dh’aois. Cha bhi aon soitheach cogaidh ann an acarsaid Halifacs seachdain an exhibition, ni nach do thachair o chionn fhada, agus nach cuidich leis an chruinneachadh idir. Bha tri soithichean a stigh toiseach na seachdain so, ach dh’ fhalbh iad uile; chaidh te dhiubh do na h-innsean an Iar, agus na dha eile gu Cuibeic. Chaidh mort oillteil a chur an gniomh ann an New York Di-màirt. Bhrist triùir dhaoine a stigh do thigh fir Andra Cassogue, agus thachd iad e, ’s thug iad leotha na bha de dh’ airgead a stigh—cóig ceud dolair. Thug iad ionnsuidh air a bhean a thachdadh cuideachd, ach fhuair i as an làmhan. Bhuineadh Cassogue agus a bhean do Chanada. Cha d’fhuaireadh greim air na mortairean fhathast. Tha barrachd mor de theachd-a-steach aig Canada aig an àm so sa b’ àbhaist. Re an da mhios dheug a chriochnaich deireadh Iun, bha an teachd-a-steach muilein gu leth dolair os cionn na thainig a stigh re an da mhios dheug roimhe sin. Tha sin a nochdadh gu bheil malairt na dùthcha a fàs, agus bheir e deagh mhisneachd dhaibh san a tha air son bacadh a chur air an deoch làidir, oir cha bhi eagal sam bith orra gun dean an lagh sin call a chur air ionmhas na dùthcha. Thainig triùir chlachairean á Newfoundland gu Halifacs air an t-samhradh so, ach tha iad ag radh gu’m b’ fheudar dhaibh am baile fhàgail leis mar a dhéilig chlachairean a bhaile riutha. Dh’ fheumadh iad a dhol a stigh ri “comunn” agus cóig dolair fhichead an urra phàigheadh neo cha’n fhaodadh iad fuireach. Cha b’ urrainn do na daoine bochda sin a dheanamh, agus dh’ fhalbh iad. Ma tha an sgeul so fior is gnothuch nàr e. Chaidh an teine a loisg a chuid mhor de bhaile New Westminster, B. C., air an t-seachdain s’a chaidh, fhadadh le ciomach a bha an deigh ùine chur seachad anns a phriosan; tha e ’g radh gur h-e thug air an gniomh a dheanadh toil a bhi aige dioghaltas a dheanamh air a bhaile air so’n a bhi ga chumail fo ghlais. Tha an call a nise air a mheas aig da mhuilean dolair. Bidh am baile air a thogail gun dail. Thatar a cur moran cuideachaidh dh’ionnsaidh an t-sluaigh as gach cearna. Chaidh an t-Ard-Easbuig Lewis, agus a bhean, a Kingston, Ontario, air chuairt do ’n Roinn-Eorpa air an t-samhradh so, a fàgail da shearbhanta a gleidheadh an taighe. ’Nuair a thill iad dhachaidh cha robh sgeul air na searbhantan no air roinn de na bha anns an tigh. ’S ann a bha na caileagan an deigh a dhol air imrich, a toirt leotha lan seachd truncaichean de gach ni a b’fhearr ’s bu luachmhoire bha fo dhruim an taighe. Fhuaireadh a mach gur ann do na Stàitean a chaidh iad, agus tha dùil g’n gu’n teid an glacadh an ùine gun bhi fada. Chaidh an carbad-iaruinn thairis air gille beag ann am baile Halifacs Di-luain s’a chaidh, ’ga mharbhadh air ball. Tha iomadh sgiorradh dhe’n t-seòrsa so a tachairt. Thachair droch sgiorradh do ghille beag air Amhuinn Sheòrais Di-haoine s’a chaidh. Bha e cleasachd ri cù, agus air dha fearg a chur air, thug an cù an sas ann, agus ghearr e an t-sron dheth. Bidh aodann a ghille bochd air a mhilleadh ri bheò. Tha Mr. C. O. Domhnullach air tilleadh a Sasunn, an deigh cuideachd a chur air chois air son mèinn ur fhosgladh ann am Port Morien. Tha an obair gu toiseachadh gun dàil. Tha sinn an dòchas gun soirbhich i gu math, agus nach bi an ùine fada gus am bi Port Morìen cho beò ’sa bha e riamh. Tha an samhradh ’sa chuid a’s fhearr dhe’n fhoghar a nise seachad; tha an latha nise mionaid no dha na ’s giorra na an oidhche, agus ’s ann a sior fhas na’s giorra bhitheas e. Cha ruig sinn a leas duil a bhi againn ri moran blaiths tuilleadh, co-dhiu de bhlàths coltach ri blaths an t-samhraidh no an fhoghair. Bha fear Hammond air a chrochadh ann an Bracebridge, Ontario, air an t-seachdain s’a chaidh. Thàinig e ri beatha a mhnatha le puinnsean a thoirt dhi; bha coig mile deug dolair de dh’ airgead-urrais air a beatha, agus ’s ann air son an t-airgead sin fhaotainn a chuir e crioch oirre. Bha e air fheuchainn tri uairean mu’n deachaidh binn a bhais a thoirt a mach. Chaochail Mor Nic Neill, bean a mhuinntir Cheap Breatunn, ann am Boston air an 11mh latha de’n mhios so, an deigh dhi aois ceud bliadhna ruigheachd. Cha do dh’ fhairich i bheag do thinnneas riamh gu mu dha mhios mu’n do chaochail i, agus bha a fradharc ’sa claistneachd gu math. Cha robh i ann an tinneas trom ach mu sheachdain. Bha fior dhroch stoirm anns an h-Innsean an Iar o chionn ghoirid, a rinn call mor air beatha agus air cuid dhaoine. Dh’ éirich làn na mara gu h-anabarrach, agus sguab e air falbh daoine agus tighean. Ann am Barbadoes, thatar ag radh gu robh da cheud pearsa air am marbhadh no air am bàthadh agus mu dha fhichead mile air am fàgail gun dachaidh. Agus ann an Kingston, St. Vincent, tha san ainm gu robh tri cheud air am call, agus fichead mile air am fàgail gun dachaidh. Tha an troimhe chéile bha ann an Crete a nise thairis. Striochd an Turcach do Bhreatunn, agus thug e dhi gach ni a dh’ iarr i air. Tha na taighean anns an robh na Mahomedanaich nuair a bha iad a losgadh air na Breatunnaich air an leagadh gu làr, tha còrr us leth-cheud de cheannardan na h-aimhreit air an libhrigeadh thairis do na Breatunnaich, agus tha còrr us ceud de chàch air an glacadh. ’Si Breatunn an aon duthlaich a thig air an Turcach; nam biodh a dòigh fhéin air a bhi aice, cha bhiodh an sgrios uamhasach a rinn e ann an Armenia air a leigeil air adhart mar a bha e. Bha mu shia ceud air am marbhadh ann an Crete anns an troimh cheile so. IADSAN A’ PHAIGH. Iain T. Domhnullach, Moose Creek, Ont. Uisdean Mac Colla. Strathroy, Ont. Bean I. Hayward, Matteawau, N. Y. Domhnull Mac Gilleain, New York. An t-Urr. Dr. R. Hennebry, Wash., D. C. Domhnull Peutan, Leitche’s Creek. Murchadh I. Domhnullach, Grand Anse. Niall I. Mac Neill, Gillis Point. Michael S. Mac Neill, Gleann Bharraidh. Iain A. Domhnullach, Sidni Tuath. Gilleasbuig Domhnullach, New Boston. Niall V. Mac Neill. Meinn an Reserve, 50c Donnachadh Dùghlach, G. Mira Tuath, 25c An t-Urr. M. A. Mac-a-Phearsain, Bras d’Or Beag. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AM FLUR a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ($3.00) gu Ceithir us Tri Chairteil ($4.75). Is Flur math e cuideachd. ALASDAIR MARTUINN. SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. [TD 70] [Vol. 7. No. 9. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 67.) fada gu leor air son Eoghain òig, thug e fhacal do thé ’s feàrr na thu air gach dòigh, agus tubaist air an fhear nach, Tagh a ghruagach do reir a buadhan, Ma ’n tagh e ’n uaisle ged bhiodh i ann.” Theagamh ’n uair chi thu a chlann nam propanaich bheaga a’ ruith an coinneamh an athair am beul na h-oidhche, gach aon feuch có ’s luaithe ’gheibh a phog, gu’n dùraigeadh tu gu ’m bu tu ’màthair!” Ach a Shàir urramaich agus rùnaich, ’s e thug orm sgrìobhadh an tràths’ nach ’eil mi fein agus mo mhàthair a tighinn air a cheile mu’n chùis. Tha ise ’g ràdh gu bheil mi ro òg air son pòsaidh ’s tha mise ’g ràdh nach ’eil. Dh’ aontaich sinn mu dheireadh a chùis a leigeil gur ràdh-sa. A reir cunntais mo mhàthar fein tha mi air an fhicheadamh feur, ach tha na coimhearsnaich ag ràdh gu bheil mi tuille. Nis a Theachdaire rùnaich, ’nuair a sgriobhas sibh bithibh air mo thaobhsa; cuimhnichibh gu’n robh sibh fein òg roimhe. Cha ’n e sin a mhain ach ma phòsas mi ’n ceart uair tha mi fhein agus Seonaid cho so-lùbaidh ’s gu’n gabh an darna h-aon teagasg agus comhairle o aon a chéile; ma dh’fhanas sinn gu sean aois bithidh a dhòigh fhein aig gach neach, agus an car a theid ’s an t-seana-mhaide ’s ainneamh leis dìreadh. Ma phòsas sinn an ceart-uair bithidh ar clann làidir m’an tòisich sinn fein ri dol leis a’ bhruthach; ma dh’ fhanas sinn gu sean aois, theagamh nach faic sinn iad ach air mhàgaran ’nuair is éigin duinn suibhal agus am fàgail. Gun tuille ’ràdh, tha ’m Biobull egus tha Nàdur ag iarraidh oirnn pòsadh. Agus cha ’n e sin ach tha fios ’am mar buail mi ’n t-iarunn fhad ’s a tha e teth gu’m fuaraich e, ’se sin, cha’n fhuirich ise gu’n phòsadh agus còigear ’na tairgse? Tha sinn le cheile luath laidir; thig sin do ’n Ghaeltachd far nach cuir airgiod Police airgiod Bridgewell na airgiod bhochd cùram oirn. Le’r cead na h-innsibh do ’m mhàthair gu ’n dubhairt mi na h-uiread as mo leth fein, cha ’n ’eil mathair eadar an t-Eilean mor is Gunna ’s feàrr na i, ach co dhiu, bhithibhse air mo thaobhsa, agus ma thachras a chuis an Glaschu gur sibh fein a phosas. EOGHAIN OG. Eilean Chola, 1829. FIOS FREAGAIRT DO’N LITIR CHEUDNA. Eoghain Oig, Ciod eile ni thu ach pòsadh? Mo bheannachd ort, agus dean e cho luath ’s is urrainn duit, oir tha mi tuigsinn gus an tachair so nach bi fois agad fein no agamsa. O’n a tha do mhàthair ag iarraidh mo chomhairlesa, theirinn rithe, “Leig le Eoghan dol air aghaidh, agus na bac e, agus bi taingeil gun do thachair suiriche mar bha esan air caileig co measail ris an aon a tha na bheachd.” Ach ciod a tha gad thoirt air t-ais a rithist do ’n Ghaeltachd? Fuirich far a’ bheil thu Eoghain, agus oidheirpich le dichioll agus stuamachd eiridh gu meas agus miagh ’s a bhaile mhòr. Cuimhnich ged tha cuid de nithe saor ’s a Gaeltachd, gu bheil an t-airgiod gann do reir sin. Mar thuirt an Sean-fhacal—“A mhin air an sgillinn ’s gun an sgillinn ann.” Agus mar thuirt an duanag— “’S olc a chròdas Cola creagach, Ris an fhleasgach bh’ ann am bùth.” Tha mo chomhairls’ a nis agad fein agus aig do mhàthair, agus deanaibh mar is àill leibh. Ach a dh’ aon chuid theirinn riut, na bi labhairt uiread mu na pàisdean gus am faic thu iad. Chuala tu “trod nam ban mu ’n sgarbh ’san sgarbh a muigh air an loch.” ’N uair a bhios gach ni deas agus socraichte, tha fios agud gu bheil teanga a chuireas snuim nach fuasgail fiacail aig do charaid, AN TEACHDAIRE GAELACH. MAC A’ BHALBHAIN. SGEUL FIRINNEACH. Tha ’n sgeul a leanas direach mar ’thainig e o pheann a’ bhalbhain a dh’ innis e:— “Rugadh mise ann an gleann tiorail an Sasunn. Bha m’ athair ’s mo mhàthair balbh, ’s cha robh paisd ac’ ach mise. Bha iadsan gun chlaisneachd ’s gun chomas labhairt o na rugadh iad, agus bha mise seachd bliadhn’ a dh’ aois mu ’n cuala mi focal á beul duine beo. Bha ’m bothan anns an robh m’ athair ’s mo mhàthair a’ comhnuidh, ann an gleann monadail, air bruaich aibhne. Cha robh moran a’ gabhail an rathaid, ’s bha muinntir an aite anabarrach caoimhneil doibh. Cha do ghabh neach air bith truas dhiomsa, agus cha d’ thug neach air bith oidheirp air foghlum a thoirt dhomh. Bha mi, mar bu dù dhomh, anabarrach aineolach. Cha do thuig mi ni air bith de na bha tachairt mu ’m thimchioll Na bàtaichean ’bha seòladh ’san loch uisge, shaoil mi gum b’ eòin a bh’ annta. Ach bha seorsa do bheachd agam air seadh mo pharantan, ciod a bha ’dhith orra, air coslas an sùl, agus air na comharraidhean ’bha iad a’ deanamh. “’Nuair ’bha mi aois shia bliadhna, chaochail mo mhàthair. Cha robh fios agam air an àm sin ciod bu chiall do bhàs; ach, mo thruaighe! tha fios agam a nis air. Mhothuich mi m’ athair aig taobh a leapach gu tric, a cheann air ’uchd, ’s e sileadh nan deur. Thug mi fainear gu ’n d’ rinn i spairn mhor, gu ’n do thuit i seachad, ’s cha do ghluais i tuille. Tamull beag na dheigh sin, dh’ eirich m’ athair o thaobh na leapach. Chlisg e, mar á shuain. Ghlac e mi air laimh. Chaidh e mach air an dorus. Ghlais e ’challaid na dheigh. Thog e mi air a ghuaillibh, agus ghiulan e mi gu bothan beag dluth do laimh. Cha ’n eil fios agam ciamar a thuig iad na bh’ air ’aire, ach ghabh iad curam dhiom. An sin chaidh e mach. Chunnaic mi e—luidh e air a dhruim dluth do ’n aite. Thug mi fainear gu ’n robh e ’caoidh ’s a’ siabadh air falbh nan deur o ’ghruaidh. Dh’ amhairc cach air, a’s thuig mi gu ’n robh mulad orra. Dh’ éirich e, dh’ fhalbh e, ’s cha ’n fhaca mi riamh tuilleadh e. “Seachduinn na dheigh sin, thainig seann duine liath, aosmhor, agus thuig mi o’n àm sin gum b’e ministeir na sgireachd a bh’ ann. Rug e orm air laimh, agus thug e mi d’a thigh féin, far an robh moran do mhuinntir na dùthcha cruinn. Beagan na dheigh sin, ghiulan iad da chiste dhubh mach as an tigh. Thog iad air an guaillibh iad, agus chaidh iad air an aghart. Cha robh tuigse na eolas air bith agam—cha robh fios agam air aghaidh an t-saaghail mhoir ciod a bha ’nan aire; ach thainig eagal orm, a’s chrith mi, agus bha mo chridhe a’ bualadh mar gu ’n sgàineadh e. Chaidh iad air an aghart gus an d’ rainig iad aite uaine, taobh a stigh do sheann bhalla, far an robh seann eaglais, agus moran leacan agus tolmanan uaine. Cha robh beachd air bith agam ciod an seors’ àit’ a bh’ ann. Chunnaic mi slochd domhainn, dorcha. Leig iad sios an da chiste dhubh ’san t-slochd so, taobh ri taobh. Bha na h-uile aon muladach, agus cha robh fios agam c’arson. Ged a bha mi balbh, cha robh mi uile gu leir bodhar. Chuala mi fuaim na h-ùireach, mar a thilg iad i air a h-ais a stigh do ’n t-slochd, agus thairis air an da chiste. Cha chuala mi riamh fuaim co brònach, eagalach. Chuala mi fuaim an tàirneanaich o’n àm sin, agus mactalla ’ga fhreagairt o mhile creag; ach cha robh an fhuaim sin an deicheamh mile cuid co uamhasach ri fuaim na h-ùireach ’s na criadha ’bha nis air an tilgeadh air an ais leis an t-sluasaid do ’n t-slochd dorcha so. “Lionadh an slochd, agus threoraich iad mise air m’ ais; agus chàirich iad mi fo chùram seann mhnatha bodhar, a thug dhomh comas labhairt, a’s leughadh, a’s sgriobhadh. Ach cuimhne an latha thruaighe sin anns am faca mi an da chiste dhubh ud air an caramh ’san aon shlochd, a’s an cuala mi fuaim na h-ùireach air na bòrdan, cha di-chuimhnich mi gu dìlinn. Bha e air a dheargadh air mo chridhe, ged nach robh fios agam fad iomad bliadhna gur e tòrradh m’ athar ’s mo mhàthar a bh’ ann.” AN T-EACH ARABACH. Tha spéis mhòr eadar an t-Arabach agus an t-each aige. Bithidh a chuid cloinne ’s a chuid each a’ cluich ’s a mireag le chéile o’n òige, air alt ’s gu bheil an gràdh do chach a chéile a’ fàs le’n cinneas, agus a’ neartachadh le’n ceart. An uair a thig an t-each gu treun a neirt, is beag nach ’eil e co tùrail ri duine; agus bàsaichidh e ag oidheirpeachadh companach ’òige a shàbhaladh o bhraighdeanas no o bhàs. Tha fear-turuis ainmeil a’ toirt an cunntas a leanas mu dhéidhinn neart an ainmhidh so, agus an spéis a th’aige d’a mhaighstir. Choinnich ceann-feadhna Arabach agus a threubh air buidheann de luchd-turuis a bha ’dol troimh an dùthaich. Thug iad an dàil nan coigreach, agus spùinn siad iad. Chàraich iad a’ chreach air an eich féin, agus dh’ fhalbh iad rompa. Coma co dhiùbh, mu’n deach iad fad air an aghart, rug buidheann eachraidh le ceann-feadhna eile orra. Mharbh iad mòran diubh, agus cheangal iad a’ chuid eile le còrdaibh cruaidh. Ann am braighdeanas mar so, thug iad leo a h-aon de na prìosanaich gu baile-mòr Acre; agus aig àm dol a chadal, dh’fhàg iad e aig dorus am bùth, ceangailte leònta mar a bha e. Air a chumail gun lochd cadail leis a’ phéin a bha e ’fulang, chual e ’each féin a’ sitrich dlùth dha. Mhiannaich e companach ’òige a chnìotachadh aon an uair eile mu’m biodh e féin air a chuir gu bàs; agus, ceangailte mar a bha e, ruithle se e féin a dh’ ionnsuidh an eich. “Mo charaid bochd,” deir e ris, “ciod a ni thu ’measg nan Turcach? Bithidh tu air do dhùnadh suas le eachaibh coigreach. Cha toir mnathan no clann an fhàsaich eòrna na bainne camhail dhuit tuille as an làimh. Ni’s fhaide cha réis thu mu ’n cuairt air feadh an fhàsaich, co saor rì gaoithe na h-Eiphit. Ni’s mò cha sgoilt thu uisgeachan Iordain le d’ broilleach, a dh’ fhionarachadh do thaoibh. Ged a bhios mise a’m’ thràill, ’se miann mo chridhe thusa ’bhi saor. Falbh! Tionndaidh do na bùithean air am beil thu co eòlach, agus innis do bhean mo ghràidh nach pill mise tuillidh! Ach cuir thusa do cheann ann am fiilleachan a’ bhùth, agus imlich làmhan mo chuid cloinne ghaolaich!” An deigh dha labhairt mar so, dh’fhuasgal e taod an eich le fhiaclan, agus leig e mu sgaoil e. Ach ’nuair a mhothuich an t-ainmhidh tuigseach gu’n robh e féin saor, an àite leum air falbh, ’sann a chrom e a cheann thairis air a mhaighstir—ghlac e ’aodach gu sèimhe ’na fhiacla—thog e bhàrr na talmhainn e—agus thar e as le uile luathas a chas gu monaidhean Arabia! Ràinig e dorus bùth a mhaighstir—leig e sìos e gun chioram aig casan a mhnatha ’s a theaghlaich—agus ann an tiota thuit e sìos marbh le sgìos! COMHAIRLEAN GLICE. Leig seachad gnothuch gach neach eile, agus thoir an aire do d’ gnothuch fein. Na ceannaich an ni sin nach ’eil a dhith ort. Gnàthaich gach uair chum buannachd, agus feuch gu’n cuir thu t-uairean liomhanach gu deagh bhuil. Smuainich a ris mu’n tilg thu fiu na sea sea-sgillin air falbh gu h-amaideach, agus cuimhnich gu’m bheil tè eile agad r’ a dheanamh na h-aite. Biodh e dhuit mar chulaidh-shùgraidha a bhi ’toirt an aire do d’ ghnothuch fein agus mar sin cha dearmadar do ghnothach an uair a bhios tu an toir air culaidh-shugraidh. Ceannuich iosal, reic cothromach, agus gabh curam de’n bhunnachd. Na biodh do suil an dèigh na sgillin a bheir thu do’n deircean thoiltinneach. Glèidh do leabhraichean-cùnntais gu riaghailteach, agus ma gheibh thu fiù a’ bhònn-sea a’m mearachd faigh a mach agus ceartaich e. Dean ceartas teann eadar duine agus duine, agus ged a bhiodh e ’nad’ chomas na meall neach anns a’ chuid a’s lugha. Na iàrr dà phris, ach reic air an aon sgillin ris an uachdaran agus ris an iochdaran. Ged a thuiteadh buille mi-shealbhach ort ’nad’ cheaird fein, gabh cùram fosgail do shùilean, oibrich ni ’s cruaidhe, agus ma tha e idir ’nad’ chomas na gèill. Còmhlaich cruaidhchas agus téinn le buan-sheasamhachd gun sgios agus teichidh iad a chuid ’sa chuid air falbh. Agus ged a dh’ fhàilnicheadh thu ’nad’ ghleacadh ri cruadal, measare airidh air urram thu, ach géill anns a’ chùis, agus, nithear dìmeas ort. Na tig beò os ceann do chumhachd, agus ged nach robh agad ach sgillinn Shasunnach ’san là, caomhain ain an deicheamh earrann di. Le bhi ’leanntuinn nan riaghailt so le beannachd, cha’n eagal nach teid a’ chuis leat. Dean ceartas, diòl gu h-ealamh gach fiach agus mar sin faigh do dhlighe fein. Na rach a’n urras air neach ’sam bith ged bu bhrathair e. Ma ni thu sin cha’n eil teagamh nach dean thu do charaid ’na namhaid, a thuilleadh air gu’m fhuiling thu càlldach nach fhurasd duit a dheanamh suas. Cùm t-fhocal gu pongail treibh-dhireach, cuir do dhòchas ann am freasdal an Ti a’s Airde, iarr a bheannachd-san air do dhìchioll, agus cha’n eagal duit. DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. [TD 71] [Vol. 7. No. 9. p. 7] Dargai. Fhir an tighe lion an t-searrag, Thoir gu h-ealamh dhuinn i nall, Olaidh sinne slainte nan gaisgeach ’Rinn an tapadh air Dargai! Tha sgeul eibhinn feadh nan garbh-chrioch, Eud is farmad measg nan Gall, Bho’n choisinn na laoich (b’e ’n duchas) Onair ’s cliu dhuinn nach ’eil gann. Fhir an tighe, &c. Thainig grad-fios as na h-Innsean, ’Dh’ ardaich m’ inntinn, dh’ eirich m’ fhonn, Gur h-e luchd nam breacan-dualach ’Choisinn buaidh le cruadhas nann lann. Luaisg sud m’ aigno gu lan-aighear, Threig gach smalan mi air ball, Theann mi ris a’ chruit a ghleusadh ’Chur nan euchdan ud an rann. ’Nuair a dh’ eirich oirnn sliochd Hagar, ’S iad ’g ar bagairt le ’n cuid lann, Mharsaladh gaisgich an fheilidh, Sliochd na Feinne nach robh fann. Sud na saighdearan a’s boidhche ’Thoid ’an ordugh le ’n cuid arm; Feileadh breacain, ’s gasd’ an comhdach, Sporan romach ’s cota dearg. Chitear ann an eachdraidh ’n euchdan, ’S iad ri ’n leughadh anns gach cainnt, Mar tugadh an Csar fo chis leo, ’S chaisgeadh Impire na Fraing. ’S codheas leis na laoich ’chur catha, Garbhlach chas no fanas lom, ’S fuil nan sinnsear ’bha gun ghaiseadh ’Freagairt caismeachd anns gach com. Ged bha luaidhe ghorm ’na deannaibh, Mar chlach-mheallain tighinn le srann, Dirich iad gu h-uallach aotrom Guala ’n aonaich ud ’n an deann. Ciod i ’n duais, ’nuair thig an aois, Le gainne maoin dhe’n aodach gann? Ma bheir iad am breac a fior-uisg’, Glaisear iad ’am priosan teann! Aiseigibh air is agach gleann daibh ’Thugadh leis an aineart uap’, ’S seasaidh iad an rioghachd bho ’n namhaid Cho fad ’s a bhios saile ’n cuan. Fhir an tighe, etc. AONGHAS MAC EACHUNN. Chuireadh an t-oran so ugam as an Roimh, agus dh’ earb e rium a chur gu MAC-TALLA gus e bhi air a chlo-bualadh. Tha mise ’ga chur thugaibh mar a dh’ iarr e; agus deannaibh-se ur toil ris. Bha ’n eil bardachd ro mhath air idir. ALASDAIR AN RIDGE. Mairi Nion Deorsa. PIOBAIREACHD. O ciad mile failte, Do Mhairi nion Deorsa. Fal-al dir-al diro, Fal-al diro, Dal dal riro. Gu’m b’ ait leam bhi lamh riut, A Mhairi nion Deorsa. Fal-al, &c. Tha guth do chinn, Taitneach leinn, ’S ait leum fhin beo thu. Gur suaire’ thu na solas, ’S thu tha binn ceolmhor. Caismeachd bhuat, B’ ait le m’ chluais, ’S leat gach buaidh orgain; Gu’m beil mi gle chinnteach, Gu’m b’ inntinn leinn pog bhuat. ’N am eirich ’s a’ mhadainn, Gu’m b’ait leam bhi ’d eisdeachd. Fal-al, &c. Le d’ bheus a’s le d’ “threble,” Gur sgiobalt an gleus thu Fal-al, &c. O, sid i suas, Ri mo chluais, I gu buaidh-leumnach. Air “chuntar” ’s air “thenor,” ’S gle shunntach le cheil’ iad. I gun mhann, I gun srann, I gun cham-ghleusadh. Gu’m beil mi gle chinnteach, Gur “music” a sheinnt’ leath. Gur grinn a ’s gur grideil, A’ cheile th’ aig Deorsa. Fal-al, &c. Cha dianadh i streup ris Mu eud nam ban oga. Fal-al, &c. ’S grinn do mheur, ’S binn do bheul, ’S math thig beus mor leat. Gu’m b’ ait leam am choir thu, Gabhail “music” a’s cronain. Bean chaol, donn, ’S finealt fonn, Anns gach pong eolais; Gu’m b’ fhearr leam na gini, Gu’m bithinn riut cordte. Gur mor tha de m’ churan, ’N ad chul buidh, glan boidheach, Fal-al, &c. Gur bagant ’s gur muint’ thu, ’N am rusgaidh ad sheomar Fal-al, &c. Com geal, donn, ’S finealt fonn, Urlar lom, comhnard. Cha laidheadh trom bhron ort, Thogteadh leat solas Teud caol, lag, Meur gun stad, ’S i gu ceart, ceolmhor. Gur tinn thu ’s ad luaidh rium, Na chuachag ’s an smeorach. Gur binn’ thu ’g ad luaidh rium, Na cuachag na geige. Fal-al, &c. ’S gu’n tocair mi fein thu. Cha’n ’eil thu cho costail. Fal-al, &c. Cha laidh fuachd Air a snuagh, Ri la fuar funntainn, Ged a biodh i sior ruistge. Math ad fhiamh, Tlachd ad ghniomh, ’S tu tha fior chuirteil. ’S mairg chi thu ’s ad sheoladh Ann an crogan an umaidh. Ma chaidh tu air chuairt bhuainn, ’S ann a suas do Chinntaile, Fal-al, &c. Bidh mise sior-ghuidhe, Thu tighinn ad shlainte. Fal-al, &c. Ma chaidh tu suas Seachad bhuainn, Do ’n Taobh-tuath ’n drasta, Bidh mise gle chraiteach, ’S nach cluinn mi do mhanran; Mo cridh’ trom, ’S e gun fhonn, ’S mi gun surd slainte; Tha mise ad dheaghaidh. Gun mhire, gun mhanran. O CHIONN corr us bliadhna, sgriobh an t-Urr. T. Watson, a Coburn, Ont., mar a leanas:—Tha K. D. C. an deigh atharrachadh mor a thoirt orm, aon uair ’s gu ’n do thoisich mi air a gabhail. Tha tinneas mo stamaig air falbh gu buileach, agus tha mi na ’s slaine na bha mi o chionn bhliadhnaichean. Tha mi creidsinn gu bheil e cheart cho math ’sa tha iadsan a tha ’ga dheanamh ag radh. (Aug. 14, 1896) sgriobh e rithist:—“Tha mi toilichte innse gu bheil an leigheas a rinn K. D. C. orm buan.” K. D. C. Bu choir e bhi anns a h-uile dachaidh, on tha e math air gach eucail bheag us mhor a tha buailteach do ’n stamaig, a leigheas. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan-cuim. Ma ghabhair iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd. Am Feillire. SEPTEMBER, 1898. 1 Dior-daoin Blar Sedan, 1870. 2 Di-haoine Teine mor Lunnainn, 1660. 3 Di-satharna Bas Chromwell, 1658. 4 DI-DONAICH 13mh Donach na Trianaid. 5 Di-luain Breith Raibeir Mhic Fhearghais, 1750 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin 8 Dior-daoin Glacadh Sebastopol, 1855. 9 Di-haoine Bas Chaluim Chille, 597. 10 Di-satharna (9) Blar Flodden, 1513. 11 DI-DONAICH 14mh Donach na Trianaid. 12 Di-luain Glacadh Chuibeic, 1759. 13 Di-mairt Bas Uilleam Pitt, 1806. 14 Di-ciaduin 15 Dior-daoin 16 Di-haoine Bas Sheumais VII, 1701. 17 Di-satharna Seisdeadh Dhuneideann, 1745 18 DI-DONAICH 15mh Donach na Trianaid. 19 Di-luain Clo-bhualadh a cheud leabhair, 1471. 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin Bas Sir Walter Scott, 1832. 22 Dior-daoin Blar Sliamh-a-Chlamhain, 1745. 23 Di-haoine 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH 16mh Donach na Trianaid. 26 Di-luain Crùnadh Uilleam Rufuis, 1087. 27 Di-mairt 28 Di-ciaduin Bas Dheorsa Buchanan, 1582 29 Dior-daoin Breith Morair Nelson, 1758 30 Di-haoine Breith Uileim Chuimein 1715 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 6, M. 37 F. An Solus Ur, L. 15, U. 7, M. 56 F. A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 10, M. 25 F. An Solus Lan, L. 29, U. 6, M. 54 F. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche NOTAIR, &c Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 72] [Vol. 7. No. 9. p. 8] THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $4.00 Sia miosan, 2.00 Tri miosan, 1.00 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt R. Mac Neill, Sidni, C. B. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 73] [Vol. 7. No. 10. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 30, 1898. No. 10. MAR A THAINIG AN ROTH MU ’N CUAIRT. Is iomadh atharrachadh a thainig air cùisean ann an Gaidhealtachd na h-Alba o chionn leith cheud bliadhna. Ge b’e ghabhadh os làimh cunntas a thoirt seachad mu ’n deidhinn, bhiodh obair aige a chumadh gu math trang e fad iomadh latha. Cha ’n ’eil aon chuid ùine no comas agamsa air a’ bheag a dh’ iomradh a thoirt air a’ chaochladh iongantach a thainig air iomadh ni ’s air iomadh neach. Ach bheir mi gearr iomradh air aon ni sònraichte a thachair ann an Uidhist mu Thuath air a’ bhliadhna so. Tha mi ’creidsinn gu ’n taitinn mo sgeul ri iomadh neach ann an America, agus ann an iomadh àite eile air feadh an t-saoghail. Ged nach ’eil e chum math sam bith dhuinn a bhith ’labhairt mu gach eucoir is ainneart a dh’ fhuiling na daoine bochda a bha o chionn a tri no ceithir a dh’ fhicheadan bliadhna air am fògradh á glinn ’s á strathan boidheach, fallain na Gaidhealtachd, gidheadh cha ’n ’eil e an comas dhuinn iomadh uair fuireach ’nar tosd. Bheir sealladh dhe na seann tobhtaichean a tha fhathast ri ’m faicinn ann an iomadh cearn dhe ’n Ghaidhealtachd oirnn a bhith gu tric a’ smaointean air an àm a dh ’fhalbh, agus air an cuala sinn iomradh nach robh aon chuid taitneach no cliùiteach. O chionn leith cheud bliadhna dh’ fhògradh mòran sluaigh á Uidhist mu Thuath. Chuireadh cuid dhiubh gu ruige America. Agus is cinnteach gu ’n d’ fhuiling mòran dhiubh sin éisean, is trioblaidean, is annradh air nach ’eil fhios aig a’ bheag dhe na tha ’n diugh beò. Ach chuireadh an tuath a dh’ fhògradh á Sollas gu gualann Langais—àite fuar, lom, monadail a bha àireamh mhath mhìltean o na taighean a b’ fhaisge dhaibh. Cha robh leud na troidhe de dh’ fheur gorm ri fhaotainn anns an àite thruagh so. Bha e air aghaidh na h-àird a tuath, agus anns a’ gheamhradh is gann gu ’m faicteadh a’ ghrian ann. Chuireadh cruitean am mach dhaibh, agus thogadh taighean phloc dhaibh. Ach cha robh e ’n comas dhaibh a bhith beò uine fhada sam bith ’na leithid a dh’ àite truagh. Cha ’n eil mi ’creidsinn gu ’m biodh e comasach do dhuine sam bith suidheachadh nan daoine truagha thuigsinn na ’s lugha na chitheadh e le dhà shùil e. Nam biodh an t-àite faisge air a’ mhuir, cha bu leith ghearain e. Ach bha ’n t-àite ri taobh loch uisge, agus cha robh a’ fas ann ach fraoch a ruigeadh dlùth air a’ ghlùin, agus còineach is roineach. Ged a chuala mi o chionn dà fhichead bliadhna mar a dh’ éirich do na daoine truagha, chaidh a chuid bu mhò dhe na chuala mi gu buileach as mo chuimhne. Ach tha cuimhne agam gu ’n cuala mi nach b’ urrainn do na daoine truagha fuireach a’ bheag a dh’ ùine anns an àite ’s an deachaidh an cur. Cha robh rathad aca air. Is gann gu ’m faigheadh creutair sam bith ann na chumadh beò e, saor o bheagan chearcan fraoich. Dh’ fhalbh na daoine truagha as, agus thog cuid dhiubh taighean beaga aig taobh Loch Euphort, far am faigheadh iad feamainn leis an deanadh iad buntata, agus far an rachadh aca air beagan iasgaich a dheanamh. Chaidh cuid dhiubh do chaochladh àiteachan eile air feadh na dùthchadh. Chaidh cuid dhiubh gu ruige America, agus ged is muladach ri ’innseadh e, fhuair cuid dhiubh am bàs leis a’ bhristeadh-chridhe. Cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil aon is aon air feadh mor-roinn Chanada aig am bheil fios air gach eucoir, is ainneart, is uidil, is allaban a dh’ fhuiling na daoine truagha anns gach àite do ’n deachaidh iad, mòran na ’s fhearr na th’ agamsa. Ach is ann aig Dia fhein a tha làn fhios air na dh’ fhuiling iad. Ach ann an cùrsa an fhreasdail thainig an roth mu ’n cuairt air a shocair fhein. An déigh do ’n tuath a bhith air am fuadach á Sollas agus á Greinetot, shuidhicheadh an dà bhaile air dithis thuathanach. ’Nan deigh so thainig feadhainn eile; agus tha ’chùis coltach nach robh gnothaichean a’ soirbheachadh gu math le fear seach fear dhe na tuathanaich aig an robh Sollas is Greinetot o chionn leith cheud bliadhna, oir thuit an dà bhaile mhath so o chionn bliadhna no dha air làmhan an uachdarain, agus mar dhuine cneasda, glic, tuigseach, chuir e roimhe gu ’n suidhicheadh e Sollas is Greinetot air tuath bhig. Thug e fa near dà thuathanach dheug ar fhichead a thaghadh a measg na tuathadh a bh’ aige ann am Paibil, an Cnoc-an-lin, an Taigh-a-ghearaidh, agus ann am bailtean eile air nach ’eil cuimhne agam an dràsta. Tha iad a’ faighìnn Shollais agus Ghreinetot air a’ cheart mhàl a bha na tuathanaich mhòra a’ paigheadh air an son o chionn leith cheud bliadhna. Tha e air innseadh dhomh le urra chinntich gu ’m bheil na daoine glé thoilichte leis a’ chunnradh fearainn a tha iad a’ faighinn. Tha h-uile fear dhe ’n da thuathanach dheug ar fhichead ri deich puinnd Shasunnach de mhàl a phaigheadh a h-uile bliadhna. Ni so feum a dh’ iomadh aon eile mar an ceudna; oir gheibh daoine a tha gun phloc fearainn cuid dhe ’n fhearann a bha aig na tuathanaich a tha nis air an suidheachadh ann an Sollas agus an Greinetot. Tha aobhar a bhith creidsinn gu ’n tachair a leithid so ann an iomadh cearn dhe ’n Ghaidhealtachd mu ’m bi an saoghal mòran na ’s sinne na tha e. Tha cùisean a’ dol gu mòr an aghaidh iomadh fear dhe na tuathanaich mhòra. Tha prìsean na spréidhe a’ cumail gle iosal, agus tha biadh is tuarasdal na luchd-muinntir a’ sìor dhol na ’s cosgaile o bhliadhna gu bliadhna. Tha mi ’creidsinn gu ’m bi iomadh a h-aon dhe na Gaidheil toilichte chluinntinn gu ’m bheil a h-uile coltas gu ’m bi mòran dhe na glinn, dhe na srathan ’s dhe na h-aonaichean boidheach a bha aon uair fo thuath, ach a tha a nis o chionn iomadh bliadhna ’nam fàsaichean, fhathast air an àiteachadh mar a bha iad anns na làithean a dh’ fhalbh. Faodaidh daoine sanntach agus droch luchd-riaghlaidh a bhith ’feuchainn ri ’n gnothaichean fhein a chur air aghart, ach cuiridh am fear aig am bheil riaghladh nan uile nithean cùisean ceart ’na àm math fhein. Faodaidh daoine a bhith ’smaoineachadh gu ’n teid gach cùis leotha a reir mar is miannach leotha, co dhiubh a bhios an dòighean gu math no gu h-olc, ach nan tugadh iad fa near beagan dhe na nithean a tha sgrìobhte ann an iomadh eachdraidh, thuigeadh iad gu math nach ann mar a chi daoine iomchuidh a tha ’n saoghal gu bhith air a riaghladh idir. Ged a theid neart thar cheart iomadh uair, gheibh an ceart lamh an uachdar air a’ cheann mu dheireadh. “Am fear a bhios an diugh an uachdar, car ma char a nuas am maireach.” IAIN. Sgriobh t-ainm fein le cairdeas, gradh, agus trocair air cridheachaibh na muinntir sin a thachaireas ort bliadhn’ an deigh bliadhna ’n ad’ thurasaibh ann am fasach an t-saoghail, agus cha diochuimhnichear thu gu brath. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. BEATHA AGUS EUCHDAN AN RIDIRE UILLEAM WALLACE. Earrann III. (A CUAIRTEAR NAN GLEANN.) Dh’fhag sinn sgiath-dhion na h-Alba agus a laoich, a glaodhach “fùi! fùi!” ri Iomhar, ’s e toirt a bhruthaich air, a teicheadh roimh Wallace, gun bhuille a bhualadh; ged bha ceathrar mun aon aige. Rainig grian Wallace a nis àird a mheadhon latha, agus sdù’ dhi teannadh ri tearnadh; dhuisg a chliu eud agus farmad ann an cliabh cuid de mhaithibh an rìoghachd; agus gus a ribeadh, thog iad gu’n robh e ’streap ris a chrùn. ’Nuair chunnaic Iomhar so rinn e fheum fein dheth:—Thainig e do dh’ Albainn, aon uair eile, le trì-mìle each agus mu cheithir-fichead mile fear-coise! Cha robh aig Wallace, air an laimh eile, eadar eich ’s gu leir, ach mu dheich-mìle-fichead! Ged bha so mar so ’sann air Wallace nach robh cùram,—chuir e ’dhaoine an òrdugh aig an Eaglais-bhric, a feitheamh gus an tigeadh an t-arm Sasunnach gu di-bheatha thoirt dhaibh. Ach, mo chreach! bha Achan sa champ,—bha cealgaireachd sa champ; an spiorad sin a tha ’g ìmeachd do-fhaicsinneach ach do Dhia amhàin. B’eigin do Shìr Iain Stewart, agus do Shir Iain Cumming a chuile fear a bhi air a laimh fein, ’sgun a bhi fo Wallace, no na eisimeil. Sann mar sin a bha, nuair thainig an t-arm Sasunnach a’ fradharc, an àite dhol an guaillibh a cheile, sann a bha ’n triuir an immis dol am broillich a cheile. ’Nuair chunnaic Cumming nach d’ fhuair e’n laimh dheas a dhol sìos do’n bhlàr, thionndaidh e chùl, chuir e ’chiaidheamh na thruaill, sheinn e fhìdeag airgid, agus dh’fhàg e fein agus a dhaoine ’n larach gun bhuille ’bhualadh. Chath Sìr Iain Stewart agus a dhaoine mar leòmhanan, agus thuit iad mar cheatharnaich, len druim ri talamh, ach am bonnaibh ris an nàmhaid. ’Nuair chunnaic Wallace mar bha’n latha ’dol chaidh e thar na h-aibhne Carron, agus thug e dùlain do Iomhar a leanailt. Coma, le deanadas gamhlais chaill e’n latha, agus deich mile laoch leis! ’Nuair bha Wallace na sheasamh air bruaich na h-aibhne, agus Bruce, Iarla Charric air an taobh eile, ghlaodh Bruce ris, “’S iongantach leam fein, a Shìr Uilleam, gu’m biodh tu streap ri crùn Albainn, mar tha iad ag ràtin a [TD 74] [Vol. 7. No. 10. p. 2] tha thu. Nach gòrach dhuit a smaoineachadh,”—Chuir Wallace grabadh air,—“Cha tainig a leithid do smaoin riamh a’m cheann—cha’n ’eil còir agam air, ’s cha’n ’eil iarraidh agam air,—cha’n ’eil a dhith orm ach mo dhùthaich a shaoradh bho bhi na tràill, rud nach dean thusa d’am bu chòir a dheanamh,—agus fhad sa bhios an cridhe a ploscartaich san uchd so cha’n fhois do Wallace agus Albainn ga saltairt fo chasaibh nan Sasunnach.” An deigh blàr-na-h-Eaglaise-brice cha robh a bhi beò aig mac Albannaich air am faigheadh righ Iomhar greim; chuir e roimhe dol air aghaidh ni b’ fhaide mu thuath, ach chuir an tuath na bailtean ’s gach ni ri theinne, air chor ’s gu’m bu bhuidhe leis Sasunn a thoirt air gus làn a mhàlaid de bhiadh fhaotainn. Mhionnaich air an tarruing so a chuid bu mho de mhaithibh Albainn a bhi dìleas do Iomhar, ach sheas Wallace a mach; cha gheilleadh esan ’se beò. Bha Iomhar a nis mar ghearan bia’ta sa shrian mu chluasaibh, a’ cur a chàirdean a nìos a Sasunn, sa toirt dhaibh staidean an sud san so nach buinneadh dhaibh. ’Nuair chunnaic Albainn so ghlac i aon uair eile misneach—chruinnich i ’clann gus an còir a sheasamh, agus onair na rìoghachd; ach, mo chreach! tha’n t-arm ri bhi gun cheann—chuir deanadas a luchd-dùcha latha blair-na-h-Eaglaise-brice, agus na thuirt Bruce ris air an àm sin àrdan air Wallace, agus chuir e ’chlaidheamh na thruaill. ’Nuair thug Wallace suas a phost chaidh roghain a dheanamh de Shìr Iain Cumming, an traoiteir, mar fhear-ionaid righ:—“clach an ionad càbaig,”—meug na ionad uachdair! Na dheigh so bha iomadh cath teth ann,—Sasunn an uachdar an diugh—Albainn an uachdar a’ màireach. Ma dheireadh thainig Iomhar, le chabhlach air muir, ’s le armailt’ air tìr, agus, an deigh fichead bliadhna de strìocan, ’s de chnàmhan, ’s de dhortadh fala, fhuair e chuid a b’fhearr de dh’Albainn gu buileach. Tha e air innse nuair chuala Rìgh na Frainge mar ghnathaichcadh Wallace gu’n do chuir e fios air, agus gu’n deach’ e fein agus leth-cheud da sheann laoich thairis. Tha e air a’ ràdh, cuideachd, nuair bha iad leathach san linidh, gu’m fac’ an Reubastan, á mullach a chrainn, sia-luingeas-deug, le’m brataichean dearg a snàmh air a ghaothaidh, a’ deanamh orra. Thainig e ’nìos mar an dabhan-eallaich ’s e glaodhach, “tha sin caillte—’s duine marbh a chuile mac-mathar againn!” “Ciod e so, ciod e so?” arsa Wallace. “Tha,” ars’ esan, “sud agaibh cabhlach a mhortair agus a chreachadair ainmeil Redriver; robair-cuair nach caomhain anam sean no òg, firionn na boirionn!” “Air t-aithis, taithis,” arsa Wallace, “ciamar dhain’eas sinn e?” “Cha’n ’eil sin duilich,” ars’ an sgiobair, “tha e na dhuine àrd agus deante’, tha deise dhearg air os ceann eideadh cruadhach, agus ’se ’chiad fhear a thig air bòrd.” “Falbh thus’ agus do sgioba sios do’n chaisteal-deiridh,” arsa Wallac,—Chuir e ’leth-cheud ceartharnach nan éideadh, ach a dha na trì bha freasdal do’n ailm ’s na scòid—thug e orra luidhe sios air ùrlar na luinge; thug e òrdan do fhear na stiùrach am pic a leigeadh a’ nuas cho luth ’s a dhiarradh Redriver, agus a h-oiseadh a rìs cho luath sa dhiarradh esan e. Thainig a nis an creachadair mar àite labhairt—ghlaodh e riu am pic a leigeadh a nuas, arneo gu’m bu daoine marbh iad. Bha’m pic a’ nuas a chlisge’, ’san taring a seinn troimh na h-ullagan;—mar thubhairt, ’s ann a bha; b’e fear àrd cuimir na deise deirge an ciad fhear ’thainig air bòrd; cha luaithe bha chas-deiridh a stigh air a bial-mor na rug Wallace air scornan air sa chuir e ’ghlùn air a mhaothan ’s a bhiodag sa laimh dheis. “’S duine marbh thu ann an dà mhionaid,” ars’ esan, “mar toir thu òrdan do d’ dhaoine gun losgadh, agus mar tig thu fein agus do chabhlach leamsa gu acarsaid.” ’S bàthach duine ris an anam; b’eigin so a dheanamh, agus bu shiubhlach a’ nis Wallace, a réubadh nan tonn, air cheann a chabhlaich, gus an d’rainig e’n Fhraing! Co dhiu, an ceann latha na dha fhuair e ’mach nach b’e Redriver a bh’ aige, ach fear Tomas Longueville, a mharbh aon de bhùirdeisich pàlais Rìgh na Frainge; agus bho nach robh fiubhair aige ri maitheanas, thug e’n cuan mór air, agus bha e cho fortanach mar chreachadair, sgu’n robh a chabhlach nan culaidh-eagail do gach rioghachd. Nuair fhuair an robair a mach gu’m b’e Wallace a bh’aige sann a bha toilinntinn air gu’n deach a ghlacadh le duine cho ainmeil; gheall Wallace, air an laimh eile, nan togadh e d’a dhroch stilleanan gu faigheadh e mathanas dha. Nuair rainig an cabhlach cùrsa na Frainge, sa chunnaic an sluagh a bhratach dhearg, chìte iad mar thom sheangan a ruith le’n cloinn ’s le’n fheudail a’ toirt mhonaidh orra. ’Nuair chunnaic Wallace so chuir e ’long fein air thoisich,—h-oise e bratach rìoghachd Alba a’m barr a crainn,—ni nuair chunnaic na Frangaich, an àite teicheadh, sann thog iad iullach ghàirdicheis a reub an t-adhar! Thug Wallace earail air sgiobadh Longueville a bhi siobhalt nuair rachadh iad air tir, agus thug e air Longueville e fein deise aon de na h-Albannaich a chur air, agus dol leis-san gu pàlais an rìgh. ’Nuair rainig Wallace agus a cheatharnaich rìgh Philip, sann a’ sin a bha mheodhail, ’sa phròis, ’san t-aighear; an ceann beagain dh’fharaid an rìgh na thachair Redriver orra—an robh iad taingeil gu’n deach’ iad as uaithe? “Cha d’ éirich beud dhuinn,” arsa Wallace, “ach tha ann cho dona ris-san, Longueville; an ain’eadh sibh e nam faiceadh sibh e?—amhaircibh am bheil a h-aon an so a choltaicheas sìbh ris?” Dh’amhairc an rìgh orra, fear an deigh fir, bho bhonn an coise gu mullach an cinn:—“cha’n ’eil dùil a’m gu bheil e’n so,” ars’ esan, “mur h-e’m fear àrd sin e r’ar guallainn.” Chaidh Wallace air a ghlùinean, agus ghuidh e air an rìgh cobhair a chur gu Albainn; oir gu’ robh i air a mìobhachadh le Sasunn, rìoghachd aig nach robh suim d’a facal. M’an d’ éirich e ghuidh e air an rìgh aon fhàbhar sonruichte. Gheall an rìgh, air fhacal, gu’n tugadh e dha ni air bith a b’àill leis iarradh saor o’n rìoghachd agus o’n bhanri’nn. B’e iarrtas Wallaice gu’n tugadh e mathanas do Longueville, agus d’a dhaoine, agus gu’n gabhadh e air ais e. Bha’n t-iarrtas cruaidh, ach thubhairt an righ am facal, agus, cha’n ’e ’mhàin gu’n tug e maitheanas do Longueville fuileach, ach rinn e Ridire dheth, agus dh’aisig e dha a’ staid! Cha do chaill Wallace air so bho laimh Longueville,—thug e moran òir dh’a. Tha moran air innse mu na thachair aig cuairt na Frainge san am so; a’ measg ghnothaichean eile tha e air a sheanachas gu robh dithis cheatharnach an cùirt a bha mor aig a cheile, agus aig an robh gabhlas fiadhaich do na h-Albanaich. Masa fior an sgial, thug an dithis so aon latha ruith air càineadh, ’s air smàdadh nan Albanach ann an eisdeachd Wallaice. Thuirt esan riu, gu sìobhalt, gu’m bu dona ’ni dhaibh a bhi smàdadh dùcha ’bha’n càirdeas san cleamhnas riu. Chuir so an cuthach gu leir orra, agus an sàs a ghabh iad ann. Thug Wallace peilleart do dh’fhear dhiubh a chuir a ladhran os a cheann; thainig a chompanach agus fhuair e’n tomhas cianda; dheirich an dithis gu bhi’n scòrnan Wallaice, ach ann an coig mionaidean thuit an dithis gun chomas éiridh,—chaidh a bhiodag tuilleadh ’us dlù’ do’n chridhe. Nuair dh’innseadh do’n righ e cha do leig e air gu’n cual e e; ach chuir cuid de chàirdean nan ceatharnach an cinn ri chéile gu Wallace a sgrios:—chaidh iad chuige agus thuirt iad ris, an ainm an righ, gu’n do chuir an righ mar fhiachamh air fiach co bu laidrich, e fein nan leòmhann, leomhann bhorb acrach a bha am fang. Chuir so corruich mhor air Wallace, ach cha bu ni leis ni air bith a dhiultainn a chuir an righ ma chuimric. Chaidh na slaoitirean an toiseach a dh’ionnsuidh an rìgh agus thuirt iad ris’ gu robh deigh mhor aig Wallace batal a thoirt do’n leomhainn. An duil gu’ robh iad ag innse na firinn thug an rìgh làn chead dh’a. Shuainn Wallace a’ bhreacan mu ’laimh thoisgeil, agus le ’chlaidheamh mor nach fagadh fuigheal beum na dheas-laimh chaidh e’n coinneamh na leòmhainn. ’Nuair thug a’ bheist cruinn-leam gu bhi aige, chuir Wallace a dhorn ’s a bhreacan, ’sa ghàirdean sios gu ugainn na amhaich, agus a thiotadh bha’n claidheamh-mor tarsuing a dronnaig; bha bheist marbh! Chaidh e nis a dh’ionnsuidh an rìgh, ’s thuirt e ris gu robh an t-àm falbh—gur beag a bha duil aige gu’n deach a chuireadh do’n Fhraing a chath ri brùidean na machrach! Ma dheireadh fhuaradh a mach am diùbhrais, agus bha leithid de chorraich air an rìgh ’s gu’n do chroch e’n dithis bhùirdeisich bu mhathair-ionnsramaid. Coma; chunnaic Wallace gu’m b’ fhearr tighinn dhachaidh na fuireach far an robh na h-uiread de chealgaireachd, agus a chiad ghaoth dh’ fhàg e beannachd aca; rainig e’n cladach—thog e ’shiuil bhreaca bhaidealach dhionach—shìn e calpana fada teanna righne, ri fiodhanan àrda fada nan calg bì dhearg,—cheartaich iad gach ball de ’n acain ealamh dòigheil, ’s sheas gach fear gu freasdal tapaidh ’bhuill bu chòir dha, agus gun eagal a nis roimh Longueville, a bha leo, ’s nach deal’eadh ri Wallace se beò, thilg iad acair an ceann beagan laithean aig Montrose. ’Nuair fhuair Wallace a chas air tìr mor b’i chiad cheist a chuir e, An robh Sasunn fathast a cur dragh air Albainn? Dh’innis iad dha gu’n robh, agus nach bu thraillealachd riamh gus a nis i!—gu’n robh gach baile, ’s gach gearastan lom làn dhiu, agus an srian mu’n cluasan! Dh’fhalbh Wallace ri re-dorcha agus dh’fhalaich se e fein dlu do bhaile Pheirt. Cha b’fhada bha e’n so nuair thainig seisear Shasunnach a mach, le sia cairtean, a thoirt fiar-sai do ’n bhaile. Smaonaich Wallach gu’m bu ghast an cothrom,—a thiota cho robh ceann air colainn dhiu! Chuir Wallace seisear d’a dhaoine fein an aodach nan cairtearan, ’s chuir e fo’n fhiar-shai na stodhadh ann d’a ghillean, agus a stigh do’n bhaile ghabh iad. A’ dol a stigh air a gheata chuir Wallace, le ’laimh fein, an ceann phar a phortair mu’n robh fhìos aige c’àit an robh e,—sgob e’n iuchair mhor as a laimh agus leig e ’stigh a ghillean. Thoisich an t-slachdraich—thoisich am bioradh!—cha d’ fhagadh Sasunnach beo sa bhaile! Theich mu chiad dhiu do ’n Eaglais a’ ghabhail greim air adhaircean na h-altair—seann chleachdadh; ach cha robh feum na’n cealgaireachd; bha claidheamh Wallace air bhoil le ìotadh, agus b’eigin an tìoladh so chasg le’m fuil. Bha Wallace a nis an sealbh air baile Pheairt, agus air anbarr creiche. Chaidh e nis air aghaidh gu Fife, agus cha robh gearastan an sin nach do strìochd dha; as a sin gu Lochleabhain, far an robh Banri’nn Mairi na dheigh so a’n daingneach,—air feadh na h-oi’che shnàmh e’n loch ’s a chlaidheamh ceangailte mu amhaich,—ghearr e taod a bhàta,—dhiomair e i, leis fein, dearg-ruisgte, gu tìr-mor,—dh’aisig e ’dhaoine do’n eilean,—thug iad anns na Sasunnaich druan na druinnich, agus, ma’n d’eirich a ghrian cha robh mac-màthar beò. Fàgaidh mi’n laoch agus a ghaisgich ag iasgach bhreac, car mìos, air an lochan àluinn so, agus gheibh sibh a chuid eile d’a eachdrai’, (agus mo losgadh, ’s mo léireadh ’s muladach i!) cho luath ’sa dh’ fhaodas ’Ur caraid gun cheilg, MAC-TALLA. Eilean Chola, 1842. [TD 75] [Vol. 7. No. 10. p. 3] SGEULACHDAN ARABIANACH. Na Tri Ubhlan. CAIB. XII. Thug e mathair Bhedredin agus a nighean fhein a steach do sheomar, agus thuirt e, “Moladh do Dhia, mo nighean, gu’m bheil a nis cothrom agad air d’ fhear posda choinneachadh. Is cinnteach gu’m bheil cuimhne agad air an ordugh anns an robh do sheomar an oidhche ’phos thu. Bi falbh agus cuir gach ni anns a’ cheart ordugh anns an robh iad an oidhche ud. Ach mur ’eil lan chuimhe agad air mar a bha gach ni, innsidh mise dhut e, oir tha e agam ann an sgriobhadh. Cuiridh mi fhein gach cuis eile ann an ordugh ceart gu leor.” Chaidh i gu toileach a chur an t-seomair air doigh mar a dh’iarr a h-athair oirre. Bha esan aig a’ cheart am a’ cur an talla anns a’ cheart ordugh anns an robh e an oidhche a phos Bedredin. Chuir e luchd-muinntir ’nan aite fhein mar a bha iad an oidhche ud. A dh’ aon fhacal, chuir e a h-uile ni direach mar a bha iad oidhche na bainnse, air chor ’s gu’n saoileadh Bedredin, gur e oidhche na bainnse fhein a bh’ ann. An uaìr a chuir e gach ni ’n a aite fhein, chaidh e do’n t-seomar-chadail anns an robh a nighean, agus chuir e an t-aodach a bh’ air Bedredin oidhche na bainnse, agus am poca anns an robh ’n t-or anns a’ cheart aite anns an do chairich lamh Bhedredin fhein iad an uair a bha e ’dol a laidhe. An sin thuirt e ri ’nighinn, “Cuir diot agus rach do’n leabaidh. Cho luath ’s a thig Bedredin a steach do ’n t-seomar, toisich ri gearain air a chionn e bhith cho fada gun tilleadh a steach, agus abair ris, gu’n robh ioghnadh ort nach d’ fhuair thu e ’na laidhe ri d’ thaobh an uair a dhuisg thu. Abair ris e ghrad thilleadh do’n leabaidh. Agus innsidh tu dhuinn am maireach ciod an comhradh a bhios eadraibh a’ nochd.” An uair a thuirt e so dh’ fhalbh e ’mach as an t-seomar. Dh’ ordaich Schemsedin anns a’ mhionaid do na seirbhisich falbh am mach as an talla, ach dithis no triuir. Thug e aithne dhaibh so Bedredin a thoirt as a’ bhocsa, agus a h-uile ball aodaich a bha uime thoir dheth ach a leine ’s a dhrathais, agus ’fhagail anns an t-suidheachadh sin anns an talla, agus an dorus a dhunadh. O’n a bha Bedredin air dhroch cadal iomadh oidhche roimhe sid, chaidil e cho trom an oidhche ud ’s gu’n d’ thug na seirbhisich dheth an t-aodach gun fhios dha, agus gu’n d’ fhag iad anns an talla e mu ’n do dhuisg e. An uair a dhuisg e ’s a sheall e mu’n cuairt dha, ciod a b’ iongantaiche leis na e fhein fhaotainn anns a’ cheart thalla anns an robh e an oidhche ’phos e. Thug na bha e ’faicinn mu’n cuairt dha gu a chuimhne as ur na nithean a thachair an oidhche ud, gu sonraichte am fear crotach a bha gus nighean an ard-chomhairlich a phosadh. Chunnaic e dorus leith-fhosgailte m’ a choinneamh agus an uair a sheall e steach air, ciod a b’ iongantaiche leis na ’n t-aodach a bha uime an oidhche a phos e ’fhaicinn air cathair direach mar a chuir e dheth e an oidhche a phos e. “Gu’n sealladh Dia orm,” ars’ esan, “am bheil mi ’nam chadal no ’nam dhusgadh?” Bha ’bhean ’g a fhaicinn ’s ’g a chluinntinn, agus spors gu leor aice air. Chuir i a ceann am mach eadar cuirtearan na leapadh, agus thuirt i ann am briathran ciuin, caoimhneil, “Mo thighearna, ciod a tha thu deanamh ’nad sheasamh an sin aig an dorus? Greas air ais do ’n leabaidh. Is fhad o’n a chaidh thu ’mach. An uair a dhuisg mi bha ioghnadh gu leor orm nach robh thu comhladh rium anns an leabaidh.” An uair a chuala Bedredin na briathran so, agus a chunnaic e a’ bhean mhaiseach a phos e iomadh bliadhna roimhe sid, thainig atharrachadh air a ghnuis. Chaidh e steach do’n t-seomar ach an uair a smaoinich e air gach ni a thachair dha fad dheich bliadhna agus o nach b’ urrainn e ’thuigsinn cionnus a thachradh iad uile dha ann an aon oidhche, chaidh e dh’ ionnsuidh an aite anns an robh a chuid aodaich agus am poca anns an robh am mile bonn oir, agus an uair a dh’ fheuch e gu curamach iad, thuirt e, “Ni math a dh’ amharc ormsa! cha’n ’eil mi ’tuigsinn air an t-saoghal ciod is ciall do na nithean so!” Thuirt a bhean ’s i deanamh spors gu leor air ’na h-inntinn fhein, “Greas a laidhe; ciod a tha thu deanamh ’n ad sheasamh an sin?” Ghabh e ceum thun na leapadh, agus thuirt e rithe, “Innis dhomh tha mi ’guidhe ort, am bheil fad o ’n a chaidh mi ’mach?” “Tha do channt a’ cur ioghnaidh orm. Cha d’ rinn thu ach a dhol am mach o chionn tiotadh,” ars’ ise, “Feumaidh gu’m bheil d’ inntinn gle mhor troimh a cheile.” “Gun teagamh sam bith cha ’n ’eil m’ inntinn aig fois. Tha cuimhn’ agam gu’n do laidh mi comhladh riut, ach tha cuimhn’ agam mar an ceudna gu’n robh mi o ’n uair sin a’ fuireach fad dheich bliadhna ann an Damascus. A nis, ma bha mi anns an leabaidh comhladh riut air an oidhche so, cha’n urrainn gu’n robh mi fad innte. Cha ’n ’eil na nithean so a’ co-chordadh ri ’cheile. Innis an fhirinn dhomh. Am bheil mi posda riut? An robh, no nach robh, mi air falbh uat fad dheich bliadhna?” “Tha thu posda rium gun teagamh,” ars’ ise. “Is e do cheann a bhith cur troimh a cheile a tha ’toirt ort a bhith ’smaointean gu’n robh thu ann an Damascus.” An uair a chuala Bedredin so, rinn e glag mhor gaire, agus thuirt e, “Nach neonach an ni a bhuail anns an inntinn agam! Theid mi ’n urras gu ’n toir am bruadar so ceol spors dhut. Smaoinich fhein air. Ar leam gu ’n robh mi aig geata Dhamascuis ’s gun umam ach mo leine ’s mo dhrathais, direach mar a tha mi ’n drasta; gu’n deachaidh mi steach do’n bhaile agus an sluagh ’gam leantuinn ’s iad a’ glaodhaich ’s a’ fanaid orm, gu ’n do theich mi do bhuth cocaire a ghabh rium mar a mhac fhein, a dh’ ionnsaich a’ cheird dhomh, agus a dh’fhag agam aig am a bhais gach ni a bhuineadh dha; gu’n robh a bhuth agam dhomh fhein ’na dheigh sin. A dh’aon fhacal air leam gu’n deachaidh mi troimh mhoran de dhriodfhortan mu nach ’eil uine agam labhairt an drasta. Agus is math gu’n do dhuisg mi, oir bha iad a’ dol g’ am chrochadh. “O Thighearna, c’ar son?” ars’ a bhean ’s i ’leigeadh oirre gu’n robh ioghnadh oirre. “Cha ’n fhaod e bhith gu’n deanadh iad a leithid sin de dhroch dhiol ort. Feumaidh gu’n do chuir thu cionta ro mhor an gniomh.” “Cha do chuir gu dearbh,” arsa Bedredin. “Cha robh do chionta ri chur as mo leith ach ni cho suarach ’s cho lugha coltas ’s a chualas riamh; ’s e sin, gu’n robh mi ’reic phitheannan-uachdair anns nach robh mi ’cur srad pipir.” “Ma ’s ann mar sin a bha,” ars’ a bhean ’s i deanamh gaire cridheil, “bha iad air thuar eucoir mhor a dheanamh ort.” “Ah! cha b’e sid uile e,” ars’ esan. “Air son a’ phithean mhollaicht’ ud, bhrist is phorom iad gach ni a bh’ anns a’ bhuthaidh agam, cheangail iad mi, agus thilg iad ann am bocsa mi. Tha mi ’saoilsinn gu ’m bheil mi ann fhathast. A bharrachd air so, fhuaradh saor, agus rinneadh croich gus mo chrochadh oirre. Ach taing do Dhia, cha robh anns na nithean so gu leir ach bruadar.” Cha robh Bedredin socair ’na inntinn fad na h-oidhche. Bha e o am gu am a’ dusgadh, agus a’ cur na ceisd ris fhein, co dhiubh is e bruadar a chunnaic e, no nach e. Agus gus e fhein a dheanamh cinnteach as a’ chuis, bheireadh e na cuairtearan o cheile, agus shealladh e air feadh an t-seomair. “Cha’n urrainn gu’m bheil mi air mo mhealladh,” theireadh e, “is e so a’ cheart sheomar anns an do laidh mi comhladh ris a’ mhnaoi uasail a phos mi.” Ann an soilleireachadh an latha thainig brathair ’athar, an t-ard-chomhairleach, a steach do’n t-seomar a chur failte ’na maidne orra. Bha ioghnadh mor air Bedredin an uair a chunnaic e e; oir ghrad dh’ aithnich e gu’m fac’ e e roimhe, agus gur e a thug binn a bhais am mach. “A! is tusa a thug gu h-eucorach binn mo bhais am mach,” arsa Bedredin, “agus tha na bagraidhean a bha thu ’deanamh orm a’ cur gairisinn ann am fheoil.” Thoisich an t-ard-chomhairleach ri gaireachdaich. Agus a chum fois a thoirt a dh’ inntinn Bedredin, dh’innis e dha o thoiseach gu deireadh gach ni a thachair—mar a thug am fathach gu ruige Damascus e, mar a fhuair e fhein am mach m’a dheidhinn anns an leabhar a sgriobh Niuredin, mar a chaidh e air a thoir gu ruige Balsora, agus gach ni eile a rinneadh a chum sgeul fhaotainn air. An uair a chuir e crioch air gach ni a bh’ aige ri innseadh dha, phog e e, agus thuirt e, “Tha mi ’g iarraidh moran mathanais ort air son gach trioblaid cuirp is inntinn a thug mi dhuit o ’n latha fhuair mi fios far an robh thu. Bha toil agam do thoirt an so mu’n innsinn dhut mu ’n staid sholasaich anns an robh thu gu bhith air do chur. Bidh tu nis na’s toilichte le do staid an deigh na dh’ fhuiling thu de thrioblaid. Tha thu nis ann an cuideachd na muinntir aig am bheil mor-ghradh dhut. Fhad ’s a’ bhios tu ’cur umad theid mise a dh’ innseadh do d’ mhathair gu’m bheil thu air dusgadh. Tha i air bhainidh gus d’ fhaicinn. Bheir mi steach do mhac mar an ceudna. Chunnaic thu e ann an Damascus, agus bha thu gle chaoimhneil ris ged nach robh fhios agad co e.” Cha ghabh e innseadh an t-aoibhneas a bh’ air Bedredin an uair a chunnaic e ’mhathair agus a mhac. Rinn a mhathair agus a mhac fodhail mhor ris, agus rinn esan fodhail mhor riuthasan. Chaidh Schemsedin far an robh an righ, agus dh’innis e a h-uile car mar a dh’ eirich dha air a thurus, agus mar a fhuair e greim air mac a bhrathar. Chord an naigheachd ris an righ anabarrach math, agus thug e fa near a h-uile facal dhi a sgriobhadh sios gu curamach, agus a tasgaidh am measg sgriobhaidhean luachmhor na riogheachd. An uair a thill Schemsedin a luchairt an righ, shuidh e fhein, a theaghlach, agus a chairdean aig fleadh mhoir a mhair seachd oidhche. An uair a chuir Giafar crioch air innseadh an naigheachd so do righ Haroun Alraschid, dh’ aontaich an righ gu’n tugadh e mathanas do Rihan. Agus a chum toileachadh a thoirt do an duine og a chuir a bhean gu bas le coire Rihain, thug an righ dha ri posadh aon de na mnathan-coimhideachd a bh’ anns an luchairt aige fhein, agus thug e dha mar an ceudna de dh’ or ’s de dh’ airgid na chum e suas fhad ’s bu bheo e. (A’ chrioch.) Seann Mhionnan nam Breitheamh Manainneach. Tha mis’ a’ mionnachadh air an leabhar so, agus gach ni naomh a ta ann, agus air na h-oibre iongantach a rinn Dia gu miorbhuileach anns na neamhan shuas agus air an talamh a bhos, ann an sè laithibh agus oidhchean, gu ’n coimhlion mi gun eiseamail do spéis no do chàirdeas, do ghradh no do bhuannachd, do dhaimh no do chleamhnas, do dh’ fharmad no do mhi-rùn laghan an Eilein so gu ceart, eadar ar n-ard-uachdaran, an Righ agus iochdairean anns an Eilean so, agus eadar dream agus dream, cho cothromach ’s a tha cnaimh-droma an sgadain a laidhe an teis-mheadhoin an éisg. [TD 76] [Vol. 7. No. 10. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth, ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 30, 1898. AIMHREIT AN T-SAOGHAIL. Rinn mi luadh cheana air Citchener, an ceannard àluinn, agus air a’ bhuaidh iongantach a fhuair e air a Chalifa iargalta, bhruideil, a chum an Soudan ann an eagal agus ann an uamhas re iomadh bliadhna. Is iomadh boirionnach ’us paisde maoth a chuir e gu bàs muladach le faobhar cruaidh a’ chlaidheimh. Cha robh air uachdar an domhain ann an aite air bith, ionadan anns an robh gniomharan co fuileachdach agus co maslach air an deanamh, ’s a bha air an deanamh, gun iochd ach le naimhdeas ’us le goimh eagalach anns an t-Soudan. Cha ’n ’eil duine tuigseach, ceanalta idir ann nach ’eil ri gairdeachas an diugh, do bhrigh gu bheil cumachd an-iochdmhor a’ Chalifa air a bhristeadh, agus gu do theich an trusdar mosach leis gach luathas a bha ’na chomas, bho fhaiche na comhstri anns an deachaidh àireamh mhor d’a shaighdearan a mharbhadh, ged bha iad dana, misneachail, neo-sgathach. Chuir Citchener daoine tapaidh air toir a’ Chalifa; agus, ma dh’ fhaoidte, gu bheil esan a rinn gach olc ’us marbhadh air feadh an t-Soudan, a nis ann an lamhan nam Breatunnach, agus nach bi comas gu brath tuille aige air olc a dheanamh, no air mnathan ’us clann neo-chiontach a ghearradh sios le sleaghan a shaighdearan. Tha fios againn gu bheil Frangaich ceithir cheud mile mu dheas do Chartom, agus gur e ’n deoin sealbh a ghabhail air cuibhrionn de ’n dùthaich ud airson na Frainge. Tha Citchener gun teagamh, anns a’ bhaile ud a nis, agus cuiridh e fein agus a shaighdearan gaisgeil, crioch ann an uine ghearr, air cuilbheartan ’s air ughdarras nan Frangach anns gach baile ’s aite ’tha air bruachan na Nile, oir buinidh do Bhreatunn agus do ’n Eiphit an amhuinn iomraiteach agus bheartach so, bho ’beul gus na lochan air taobh deas na h-Eiphit, agus ann am meadhon Africa, as am bheil an Nile ’g imeachd ’na sruthan caol air tus. Ann am breth us ’n am bàs tha ’n cinne-daoine ann am mor co-ionnan. Tha pian, ’us iargain, ’us trioblaid, ’us deuchainn, ’us call cairdean a leantuinn daoine rioghail co maith ri daoine diblidh, bochd. Is ann le doilgheas mor ’us le mulad tiamhaidh a chuala luchd-leughaidh MHIC-TALLA, bho cheann seachduinn, gu tainig crioch air beatha Ban-Iompaire Austria, ann an doigh mhaslach, chianail, bhronach. Tha, anns an Roinn-Eòrpa gu sonruichte, daoine breuna, garg, bruideil, a tha ’saoilsinn gu bheil iad a’ tabhairt comhnaidh iongantach do rioghachdan an t-saoghail, le bhi ’gearradh sios daoine rioghail ’us ceannardan ’us luchd-riaghlaidh. Is e duine anabarrach glic, caoimhneil agus eagnaidh a tha ann an Iompaire Austria. Tha e ’rioghachadh thairis air iomadh treubh ’us cinneadh a tha, ann an tomhas mor, eadar-dhealaichte fo ’cheile ann am beachdan, agus ann an creideamh us abhaistean. Cha’n ann gun dragh fuasach a tha e ’cumail daoine Hungaraidh, ’us Bhohemia ’us Mhorabhia ri cheile, agus ann an doigh bheag no mhor de chairdeas ris na treubhan eile d’ am buin, ann an seadh firinneach, rioghachd Austria. Tha ’n t-Iompaire fior-mheasail airson nam buaidhean gasda ’tha aige, ’s airson a ghliocais mhurraich anns am bheil e ’ceangal Roinnean iomadach na rioghachd ri ’cheile. Tha eagal trom air ’fhaireachduinn gu teid Austria as a cheile co luath ’s a thig crioch air beatha ’s air rioghachadh an Iompaire. Is e boirionnach eugaidh, geamhnuidh, neo-sgathach a bha anns a’ Bhan-Iompaire. B’ abhaist di tighinn do Shasunn agus do dh’ Eirinn air toir na seilg. Bha iadsan tearc a b’ fhearr air marcachd na ise, agus aig an robh barrachd danadais, ’us treise ’s seoltachd ann an t-sealgaireachd. Is ann an Genebha ’bha i ’nuair a shath Eudailteach bruideil iaruinn geur ’na cridhe, ’thug a bàs di ann am beagan uine. Tha, ann an Austria, agus ann an rioghachdan eile, mulad mor ’us tuireadh geur gu bheil a Bhan-Iompaire marbh, agus gu d’ fhuair i bàs ann an doigh co narach, co iargalta, ’s co borb. Thainig an t-àm anns am bheil e fior-iomchuidh gu rachadh crioch a chur air innleachdan neo-cneasda ’s air cuilbheartan bruideil an dream ud aig nach ’eil eagal roimh Dhia no roimh dhuine. Chaidh oidheirp a dheanamh bho cheann ghoirid, air Csar Ruisia agus air an t-Csairina ’thachdadh le aileadh bàsmhor. Chaidh seanair an t-Csair so ’chur gu bàs muladach le daoine aingidh, eucorach, ged nochd e barrachd daimh ’us caoimhneis do dhaoine Ruisia na rinn Csar air bith eile. Cha chulaidh-fharmaid da rireadh inbhe ’s morachd righrean na talmhainn, am feadh tha ’m beatha ann an cunnart gach la, ’s a tha daoine aingidh, mosach a’ cur an gniomh innleachd bhasmhoir airson Iompairean ’us Ban-Iompairean a thilguin gus an lar. Chuir Iompaire Ruisia a mach o cheann ghoirid, iarrtus solaimte do righrean ’s do rioghachdan an t-saoghail anns am bheil e ’deanamh luaidh air na feachdan lionmhor, cosdail a tha ’n Roinn-Eòrpa gu sonruichte ’cumail suas. Tha e ’tabhairt iomraidh air an uallach chudthromach a tha na dùthchannan a’ giulan, agus a tha ’tabhairt ann an tomhas mor sgrios air gach saothair ’us dichioll a tha luchd-dùthcha ’deanamh. Tha e gu firinneach ag innseaadh gu bheil seirbhis, ’us obair, ’us innleachd nam feachdan mora air an call gu buileach, do bhrigh gu bheil àireamh co mor de dhaoine ’n an saighdearan, agus mar so air am paigheadh ’s air an cumail suas le cisean na dùthcha, oir cha ’n ’eil comas no cothrom aca air an teachd-an-tir a chosnadh, no air buannachd bheag no mhor a thabhairt do bheartas, ’us do chisean, ’us do shonas an dùthcha. Aidichidh gach neach gu bheil tùr ’us toinisg ann am briathran an t-Csair agus anns a’ chuireadh a tha e ’tabhairt do righrean eile ’s do ’n luchd-comhairle teachd le ’cheile a chum gu gabh iad beachd air an doigh a’s fearr airson am feachdan a lughdachadh, agus airson an t-uallach trom a tha ’cur cisean eagalach air gach dùthaich, a thogail air falbh ann an tomhas mor co-dhiu. Tha dochas aig MAC-TALLA ’s agam fein gu guilain cuireadh ’us comhairle an t-Csair toradh brioghmhor, agus gu tig atharrachadh comharraichte ann an uine ghearr air lionmhoireachd feachdan ’us cabhlaichean an t-saoghail. Ach, tha Ruisia carach, seolta, ’s air an aobhar so, tha amharus aig morrn nach ’eil an Csar ann an da rireadh anns a’ chuireadh a thug e seachad. Gleidhidh righrean eile suil gheur bhiorach air, am feadh a bheir iad aire fhaicilleach d’a chomhairle ’s d’a iarrtus. CONA. Tha cùisean car troimhe-cheile anns an Fhraing. Tha an Riaghladh agus moran dhe’n t-sluagh air son gu’m biodh Dreyfus air fheuchainn a rithist, ach tha buidheann mhor dhe’n t-sluagh calg-dhireach an aghaidh sin, agus tha eagal air daoine ma theid an Riaghladh air adhart, gu’m bi ceannairc ann. Tha ceannardan an airm, agus an t-arm cha mhor gu buileach an aghaidh ceartas a thoirt do Dhreyfus, agus tha e cunnartach gu’n éireadh iad an aghaidh an Riaghlaidh. Cha’n eil anns na Frangaich ach daoine corrach, mi-stéigheil, agus tha e doirbh a radh ciod a dh’ fhaodas iad a dheanamh. Bha ceannaircean uamhasach anns an Fhraing roimhe so, agus cha’n eil cinnt sam bith nach bi an leithidean ann fhathast. Air an t-seachdain s’a chaidh, chaochail an t-Onarach Calum Cailean Camaran, Riaghladair nan Roinnean Iar-Thuathach. Rugadh e ann an Peairt, Ontario, anns a bhliadhna 1832. Fhuair e bhi na fhear-lagha ’sa bhliadhna 1860. Bha e na bhall de’n Ard-Pharlamaid àireamh mhor bhliadhnaichean, agus air a bhliadhna so fhéin, fhuair e inbhe na Riaghladaireachd. Bha e ann an droch shlainte, agus bha dùil ri bhas o chionn treis a dh’ ùine. O chionn àireamh mhath bhliadhnaichean bha e toirt seachad duais mhath air son foghlum Gàilig ann an oil-thigh na Ban-righ’nn, ann an Kingston. Bha e ’na fhior charaide do’n Ghàilig, agus bidh ionndrain air am measg Ghàidheal Chanada. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 77] [Vol. 7. No. 10. p. 5] NAIDHEACHDAN. Cha’n eil an fheill ann a Halifacs a faotainn ach an droch shide; bha an t-uisge a sileadh roinn mhor dhe’n ùine, agus cha d’ fhuair moran dhe na chaidh g’a ionnsaidh moran toileachaidh ann. Thachair sgiorradh muladach air an rathad-iaruinn faisg air Stellarton, N. S., maduinn Di-ciaduin s’a chaidh. Bhuail da thrain na cheile, agus bha coignear air am marbhadh ’s dithis air an leonadh. Di-luain s’a tighinn tòisichidh an carbad-iaruinn ri ruith air tim-chlàr a gheamhraidh. Bidh e fàgail a bhaile so aig sia uairean ’sa mhaduinn, agus a ’tilleadh mu leth uair an deigh naodh ’san oidhchd—an dearbh àm aig am biodh e falbh ’sa tighinn geamhraidhean roimhe so. Chaidh soitheach-smùide d’ am b’ ainm Express a bha ruith eadar Halifacs us Yarmouth, air tir faisg air Clark’s Harbor air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha i air a tur bhristeadh. B’fhiach i leith cheud mile dolair. Fhuaireadh an sgioba ’s roinn mhor de’n luchd a shabhaladh. Tha bàrr anabarrach math crithneachd ann am Manitoba ’s anns an Iar Thuath air an fhoghar so,—ann an iomadh aite a dha fheobhais ’sa bha e an uiridh. Thatar a meas gu’m bi mu ochd muillean deug air fhichead buiseal aig tuathanaich nan roinnean sin ri chreic toiseach a gheamhraidh. Ni sin am flùr gu math saor air a bhliadhna tha tighinn. Chaidh paisde le Domhnull Mac Fhionghain, an Orangedale, a losgadh cha mhor gu bas aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i air a fagail leatha fhein car racain ’sa mathair air an lobhtaidh; ’nuair a thainig a mathair a nuas bha a cuid aodaich ’na lasair theine, agus ’s ann air eigin a fhuaireadh a chur as. Bha am paisde air a losgadh gu dona, ach tha i fhathast beo, agus tha duil ri i dhol am feabhas. Ann a Waipu, New Zealand, air an latha mu dheireadh de Iun, chaochail Alasdair Mac Amhlaidh, tri fichead bliadhna ’sa naodh deug a dh’ aois. Fhuair e a bhreith us àrach air an Eilean Mhor, agus o chionn da fhichead bliadhn’ air ais chaidh e air imrich do New Zealand, far ’n do shuidhich e, ’s far an robh e fhéin ’sa theaghlach gle mhath air an dòigh. Tha bràthair dha a fuireach air Man-o’-war Point, ’san Eilean Mhor agus brathair eile ann an Utica, New York. Dh’fhàg e sianar mhac agus ceathrar nighean. Tha àireamh mhath chàirdean dha air feadh Cheap Breatunn a bhios ro dhuilich sgeul a bhàis fhaotainn. Fhuair sinn litir air an t-seachdain so o aon de luchd-gabhail MHIC-TALLA, ’se trod ruinn gu gailbheach air son mearachd a dheanamh ’na chùnntas. Tha e, a reir coltais, gun tuigse air cho soirbh ’sa tha e mearachd a dheanamh ann an cunntas a tha ruith àireamh bliadhnaichean, gu h-àraidh nuair a tha àireamh mhor cheudan de chùnntasan dhe’n t-seòrsa cheudna ri ’n cumail. Cha’n eil fear-gnothuich ’san dùthaich nach dean mearachd na chùnntasan, agus cha’n eil sinne ’gabhail oirnn a bhi na’s fhearr air cumail leabhraichean na daoin’ eile. Ma ni sinn mearachd, cha’n ann d’ ar deòin, agus cuiridh sin ceart mearachd sam bith a ni sinn cho luath ’sa bhios ’nar comas. Cha ’n eil sinn ag iarraidh air neach sam bith ach ar cuid fhéin, agus tha sinn a’ creidsinn nach feuch duine ri sin a chumail uainn. Ma gheibh aon sam bith de’r luchd-gabhail mearachd ’sa cùnntas a chuireas sinn uige, innseadh e dhuinn gu soilleir cia mar bu chòir e bhith, ach coma leis a bhi trod no càineadh; cha drùigh e oirnn idir, agus gheibh e air adhart pailt na’s fhearr ma bhios a siobhalta, modhail. Rinn an t-side theth a bh’ ann o chionn ghoirid call mor beatha aobharachadh anns na Stàitean. Ann am baile New York leis fhéin, bha naodh fichead us da dhuine air am marbhadh leis an teas, agus bha mu shia ceud a bharrachd orra sinn tinn, ach chaidh iad am feobhas. Bha stoirm mhor ann an cearnan de Ontario ’s de Chuibhic toiseach na seachdain s’a chaidh. Shil uisge trom, agus clacha-meallain ann an àiteachan. Ann am Montraal, cha’n fhacas a leithid o chionn iomadh bliadhna; bha i cho garbh ’s gu robh i a bristeadh nan uinneagan anns na tiaghean. Chaidh fiach leth-cheud mile dolair—air a chuid a’s lugha—de dh’eaglaisean a losgadh ann an New Westminster, leis an teine a sguab am baile sinn o chionn ghoirid. B’fhiach Eaglais Shasunnach a chaidh a losgadh coig mile fichead dolair; eaglais Bhaisteach, deich mile; eaglais Mhethodach, deich mile; agus eaglais Chleireach, cóig mile. Chaidh blar eile chur anns an t-Soudan seachdain gus an de, aig aite ris an canar Gedaref, far an robh mu thri mile de na Dervishes a feuchainn ri seasamh an aghaidh nam Breatunnach. Chaidh an daighneachd a ghlacadh an deigh do choig ceud dhiubh tuiteam. Chaidh dluth air ceud de’n arm Eipheiteach a mharbhadh. Tha cumhachd a Chalifa a nis air a bhristeadh gu h-iomlan. ’Se ’n àireamh de shaighdearan nan Stàitean a thuit anns a chogadh ris an Spàinn, da cheud ’s tri fichead ’sa ceithir. B’ oifigich tri deug air fhichead dhiubh sin. Chaill an t-arm Geancach moran a bharrachd le tinneas na chailleadh le peilearan nan Spainnteach. Thatar ag radh gu robh da cheud saighdear Spainnteach ann an Cuba ’s am Porto Rico nach deachaidh riamh m ’an fhaisg urchair gunna do na saighdearan Geancach. Ma tha so fior, cha robh aig an arm Spàinnteach ach na droch cheannardan. Chaidh boirionnach d’ am b’ ainm Floiri Kilday a losgadh gu bàs aig Mèinn Chaledonia Di-satharna s’a chaidh. Chaidh an tigh anns an robh i fuireach na theine, agus nuair chunnacas nach robh dòigh air a shàbhladh, chaidh gach neach a bha stigh a thoirt a mach. Ach an deigh sin leum ise stigh a rithist am meadhon nan lasraichean, agus cha’n fhacas i tuilleadh gus an d’fhuaireadh a corp loisgte anns an làraich an deigh do’n teine dhol as. Cha’n eil fhios ciamar a thòisich an teine, ach cha ’n eil coire ’ga chur air neach sam bith. IADSAN A’ PHAIGH. Bean Choinnich Mhic Gill-fhinnein, Melford. Iain Mac Gill-fhinnein, Amhuinn Dhennis. Domhnull Mac Gill-fhinnein, Port Hood. Ceit A. Dhomhnullach, Beinn Ghillanders. D. I. Mac Philip, L’Archevegue. Domhnull Caimbeul, Pilot Bay. I. F. Murphy, Acarsaid Chloinn Fhionghain. Eoghan Mac Leòid, Gabarus. Bean Iain Mac Nimhein, Catalone. Domhnull Mac Neacail, Catalone. S. D. Mac Leoid, Drochaid na h-Aimhne Tuath. Padruig Mac Raing, Mabou. Niall Mac Gilleain, (Eildear) Roseburn. Iain Mac Gille-mhaoil, Rathad Horne. Iain Ceamp, Leitche’s Creek. Alasdair Mac Fhearghais, Grand River. Domhnull Mac Fhearghais, Caribou Marsh. Raonull Gillios, Grand Mira Deas. Iain A. Domhnullach, Bridge End, Ontario. Alasdair Peutan, Sandon, B. C. A. I. Domhnullach, Sandon, B. C. Iain Caimbeul, Steornabhaigh, Leodhas. An t-Urr. D. M. MacEamuìnn, Antigonish Lachuinn Mac-a-Phearsain, Amhuinn a Deas, N. S., 25c. S. A. Mac Gille-mhaoil, na h-Eileanan Coille, E. P. I. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AM FLUR a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ($3.00) gu Ceithir us Tri Chairteil ($4.75). Is Flur math e cuideachd. ALASDAIR MARTUINN. SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathair cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. [TD 78] [Vol. 7. No. 10. p. 6] “DUGHALL” A TROD RI “CONA.” Leugh mi ann am MAC-TALLA an dara latha deug do dh’ Ogust na sgriobh “Cona” anns an àireamh sin. Cha ’n eil mi a creidsinn gu bheil ach gle bheag do luchd-leughaidh MHIC-TALLA a dh’ aontaicheas le “Cona” anns na bheil e ’g radh m’a riaghladh, no m’a luchd-riaghlaidh Chanada aig an àm so. Tha e ’g radh: “Nam bitheadh tuigse cheart…thigeadh an dùthaich air a h-aghaidh.” Gu de tha cearr air “Cona?” ’Sann a shaoileadh duine gun robh e fein airson a bhi na aon do ’n luchd-riaghlaidh ’s nach deach e leis. Tha e soillear gu leòir nach eil dùthaich eile air a bheil grian nan speur a dealradh, a thainig air a h-aghaidh ann an lionmhorachd sluaigh, ann am beartais, ’s anns gach seorsa oibrichean a tha dol a dheanadh suas dùthaich shealbhach, shona, shiochail, ann ’sa faigh an duine bochd fiach a shaothrach, ’s am beartach tinn-a-stigh mhath air son a chuid airgiod, na rinn Canada bho chionn caraid bhliadhna; ’s tha mi a làn chreidsinn gur ann an tomhas mor troimh ghliocas agus riaghladh Laurier ’s nan daoine a tha comhla ris air an stiùir, a thainig so m’ an cuairt. “Falbhaibh dachaidh, agus fanaibh aig an tigh gu brath,” arsa “Cona.” Ma tha e ’g radh so ma dhéinn an àrd-Sheanadh, no mar theireadh na Gaidheil bho shean, “An Tigh gu h-Ard,” bu choir a chomhairle a ghabhail, oir tha e ceart agus freagrach gun rachadh na seann daoine coire a chur no fhagail ann an àiteigin far nach dean iad tuille cron. Tha “Cona” coir ag radh: “Na ’m bitheadh aig ar Pàrlamaidean gliocas,...” Fhreagradh so ann an tomhas mor air na Pàrlamaidean a chaidh seachad a’s do ar luchd-riaghlaidh san àm a dh’ aom. Ma bheir “Cona” sùil air ais thairis air an ùine fhada a bha iad ann san riaghladh, chi e iomadh closnach ghrannda, sgainneal, mar chlacha-mìle a comharrachadh a mach na slighe air an d’ imich iad, gun a bhi leigeil ris moran gliocas, ionracas na onair. Bha iad so a seideadh an trompaid ’s a gloireachadh a chéile mar chomhairlichean ’us luchd-riaghlaidh. Cha b’e math na dùthcha a bha iad a cleachdadh, ach moran do chuilbheartan an t-sionnaich ann iad fein a ghleidheadh ann an cumhachd ’s an dreuchd; ach do ar luchd-riaghlaidh aig an àm so, cha ’n eil feum aca air a bhi g’ am féin-ghloireachadh, na bhi luaidh no séideadh mu na gnothaichean mora a tha iad a dol a dheanadh, oir tha an cliu, an tuigse, an ionracas, an treubhantas ’s an comas air fhuaimneachadh le paipearan-naigheachd Bhreatunn do gach cearna do ’n domhan ’sa bheil a Bheurla ga labhairt, agus tha iad gu h-aona-ghuthach a tabhairt do Laurier us dhaibhsan a tha san riaghladh leis, cliu, onair agus moladh airson tuille a dheanamh a craobh-sgaoileadh eòlais air an dùthaich so, agus a ceangal ar dùthaich mhàthaireil ’s ar Canada ghradhach féin ann an cùmhnantan freagrach, s’a bhios gu mor mhath Canada, cho math ’san dùthaich thall, san uine ghoirid a tha iad ann an dreuchd, na rinn na daoine a bha rompa ’s an ùine fhada a bha an riaghladh na ’n laimh. Tha “Cona” ag radh: “Tha cairdean an luchd-riaghlaidh ag aideachadh…” Tha eagal orm gur ann ri naimhdean an luchd-riaghlaidh a bha “Cona” còir a labhairt ’n uair a fhuair e an smuain so ’na cheann, oir tha an fhirinn calg-dhireach an aghaidh so, us ma theid “Cona” am measg càirdean an luchd-riaghlaidh gheibh e so a mach. Cha ruig e leas eagal mor sam bith a bhi air mu Laurier, oir leig esan fhaicinn do ’n t-saoghal nach e mhàin gu bheil e ann an treubhantas inntinn as cridhe fad air thoiseach air na daoine a sguab e á dreuchd mar mholl air a sguabadh leis a ghaoith aig an taghadh ma dheireadh feadh mor-roinn Chanada gu leir, co math ri gach taghadh a bha anns gach siorramachd bho ’n àm sin gus a so. ’Se so leigeas a meas a tha aig cairdean an luchd-riaghlaidh orra, ’s cha ’n e smuaintean “Chona.” Tha “Cona” a cuir an céill: “An àite a bhith lughdachadh an ain-fhiach…” Tha e coltach gu bheil “Cona” deas gu ni sam bith a chreidsinn air Laurier, ’s air a chompanaich. Tha fios gu math gun deach na cisean isleachadh air iomadh gnothach a tha tighinn do ’n dùthaich air a bheil daoine cur feum. Tha sàbhaladh mor ’ga dheanamh ann an iomadh aon do na h-oifigean, le bhi gearradh a nuas an costas air doigh na dha. Cha ’n eil “Cona” a toirt an aire gu bheil an dùthaich ga fosgladh a suas, ’s gu bheil i moran na ’s motha ’san àm so na bha i bho cheann da bhliadhna, ’s gu bheil iomadh uair a dh’ fheumas obraichean a bhi air an deanamh ann an cabhaig, us cha toir e creideas do riaghlair sam bith a bheir a mach fiach putan a theid ann an cota oifigeach iosal no ard, gun tairgse iarraidh an ear, an iar, a tuath ’sa deas, feuch c’aite an saoire an gabh e ceannach. Ach do ’n uallach ain fhiach a chaidh fhagail aca mar dhileab, ’sa tha iad a pàigheadh, cha ’n eil facal aig “Cona” ri radh air so; ach tha e coltach gu bheil e fior, “Nach eil na ’s doille na ’n dall air nach eil a dhith léirsinn.” “Tha an Ridir Tearlach Tupper fathast deas-bhriathrach,” tha “Cona” ’cur an ceill. Bha e mar bhriathraiche fada air thoiseach air mar bha e mar oibraiche, ’s an uair a rachadh e ri obair, bha daonnan moran sloightireachd ceangailte rithe. Gabhadh “Cona” mar shamhladh mar dh’ fheuch e ri Sir Iain Domhnullach a thilgeil bun a’s ceann, agus mar rinn e fein agus Foster còir air Sir Mac Coinnich Bowell, ’nuair a b’ eiginn dha aideachadh gun robh aige mar chompanaich nead de luchd-brathaidh ann an tigh na pàrlamaid; ach nuair a fhuair iad na maidean mullaich, ’sa thug iad aghaidh air an dùthaich, chaidh an sguabadh á bith, us thubhairt sluagh Chanada nach robh feum sam bith aca orra,—iad a ghabhail air an culthaobh, gun robh iad sgith da ’n leithid. Cha do rinn so feum do Thearlach min, na do Fhoster còir, oir ma ’n do tharruinn iad an anail ma dheireadh, dh’ fheuch iad ri dlùth air ceithir chiad oifigeach eile a lòdachadh air seirbheis na dùthcha, ’nuair a bha tuille s’a choir ann mar ’bha. (Tha mi an dòchas nach robh “Cona” am measg a cheithir chiad.) ’S ann an so a thainig Iarla Abaraidhean air bord, ’s a leig e fhaicinn a thapadh ’s a chomas, ’nuair a dhiult e gnothuch sam bith a bhi aige ri leithid de ghnothuch, ’na lamhan a shalachadh air iarrtus daoine a dhiùlt an dùthaich ’s ris an d’ thubhairt iad, “Falbhaibh dachaidh, agus fanaibh aig an tigh gu bràth!” Ged nach eil moran meas aig “Cona” air comas Iarla Abaraidhean, leig e fhaicinn gu ’n robh e ro chomasach airson cuilbheartan Thearlich. Tha mi an dòchas nach bi ro mhoran cùram air “Cona” ma ’n dùthaich no ma ’luchd-riaghlaidh, ’s nach caill e a bheag do chadal ma ’n déinn. Oir co fad ’sa tha ghrian le ’h-aghaidh mhaiseach a dealradh os ar cinn, agus Dia an t-Uile-Chumhachdach ard os ceann nan uile, ’s a tha againn daoine modhail, beusach, treun, inntinneach, geur-shùileach, tuigseach, sgairteil agus onarach, faodaidh “Cona,” MAC-TALLA ’s mi féin dol a luidhe ’s an oidhche le lan chinnt gu ’m bi an dùthaich sàbhailte ’nuair dh’ éireas sinn ’sa mhaduinn. DUGHALL. “THE TIDAL WAVE.” LE DONULL MAC CALUM. Air do Ruaraidh Og dol dhachaidh, an deigh dha diultadh fhaotainn o athair-céile ’thaobh an tochair, dh’ aithnich a’ bhean nach robh e air a dhoigh; bha leithid de smalan air. Dh’ fheoraich i dheth de bha cur air, agus dh’ innis e dhith gach ni mar bha. “Tha sin,” ars’ ise, “direach coltach ri clìchdean m’ achar. Ach leig thusa leis! Bithidh mise suas ris. Am bi thu toilichte leis a’ chuid a th’ aig m’ athair ’s a’ chreig sgliad’ ’am Baile-nan-Tom?” “Bhithinn toilichte,” deir Ruaraidh, “leis an treas cuid dhith.” “Ceart gu leoir,” deir Mor, “cha chreid mi nach teid agam air sin fhaotainn dhuit.” Chaidh Mor air an oidhche sin far an robh a mathair a dh’ fheuchainn an cuidicheadh i leatha ’s a’ chuis. Thuirt a’ mathair rithe, gu dearbh gu ’n deanadh i sin. “Anns an ath phaipeir naigheachd,” deir Mor r’a mathair, “bithidh rud mu thimchioll na creig sgliad’ ann am Baile-nan-Tom ma bhitheas sibhse tapaidh, a bheir air m’ athair dealachadh ri chuid dhith do Ruaraidh air màl glé bheag.” “Ni mise,” deir a chailleach, “mo dhichioll” “Nach ann aig Ruaraidh Og a bha ’m beachd,” deir Ailean-an t-Srath ri mhnaoi, ’s iad oidhche nan suidhe taobh na teallaich, “tigh’nn a dh’ iarraidh tochar ormsa. Thuirt mise ris gu ’n robh mi cho lom ris a’ chirc o’n chocaire.” “Tha eagal orm,” deir a bhean, “gur i ’n fhirinn a dh’ innis thu dha.” “An ann as do bheachd a tha thu,” deir am bodach, “agus gu ’m bithinn beartach ged nach biodh agam ach na bheil creag sgliad Baile-nan-Tom a cur a stigh rium ’s a’ bhliadhna, gu ’n ghuth air an stoc a th’ agam agus na bheil agam ’s a’ bhanca?” “Leugh sin, Ailein,” ars’ ise, ’s i sineadh paipeir naigheachd dha, “agus chi thu de cho dluth ’sa chaidh thu air an fhirinn innseadh do Ruaraidh Og.” Ghabh am bodach am paipeir agus leugh e na facail so—“Tidal wave. A monster tidal wave struck our shores on Friday last. Coming up the narrows between Baile-nan-Tom and Stron Gharbh, the towering waters as if angry at the obstruction, rose triumphantly over the land on both sides to a great height. We are sorry to say that after the waters subsided, the rocky barrier between the slate quarry and the sea was found to be broken down!” “Cha ’n fhiach,” deir Ailean, ’s e tilgeil a phaipeir fad’ a lamh uaithe, “an obair sgliad’ ni ’s am bith an deigh sin.” “Innsidh mi dhuit,” deir a bhean, “de a ni thu. Suidhich do chuid de ’n obair air Ruaraidh. Tha e na dhuin’ og, tapaidh, agus ni e feum dhi fhathast. Cha bhi fios aige gu ’n robh fios mu ’n ‘tidal wave’ ’s a phaipeir idir.” “Gu dearbh,” deir am bodach, “bheir mise dha gun dad idir i.” Air an ath là chuir Ailean-an-t-Srath fios air Ruaraidh Og, agus thug e dha ann an sgriobhadh, air a sheuladh le fianuisean fo ainm, a’ choir uile gu saor, air an obair sgliad ann am Baile-nan-Tom. Chaidh Ruaraidh dhachaidh gle thoilicht’ air an oidhche. Dh’ innis e d’a bhean cho math ’sa chaidh dha. “Tha t-athar,” deir esan, “moran na ’s caoimhneile na shaoil mi bha e. Cha chual’ e iomradh air an ‘tidal wave.’” Air an ath sheachdain leugh Ailean-an-t-Srath na facail so ’sa phaipeir naigheachd—“Tidal wave. The correspondent who sent us the notice of the tidal wave which appeared in our issue of last week, has missed his calling in writing notices of matters of fact. He would make his fortune as a writer of ‘high-flown’ romances. The fact is, there was no ‘tidal wave’ at all.”—Highland News. DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. Tha deagh nadar aig moran an uair a bhios gach ni ag eirigh leo, ach cuiridh iad cul ri sin an uair a thig aire agus eiginn, agus a shiubhlas iad troimh amhuinn theintich an amhghair. [TD 79] [Vol. 7. No. 10. p. 7] Uisge Aftoin. LE DUGHALL MAC PHAIL, AM MUILE. (Bho Bheurla Raibeirt Burns.) Siubhail seimh feadh do ghlacan, A chaoin Aftoin nan lub, Agus seinneam dhuit duanag Gu ’bhi luaidh air do chliu; Ri do thaobh tha mo Mhairi An cadal tlath-fhoisneach ciuin; Siubhail seimh ’s as a bruadar Na gluais i ’s na duisg. Thusa ’smudain, d’ am freagair Ath-fhuaim chreag nan gleann fas, ’S thusa ’londuibh, ’s glan feadag Anns na preasan fo sgail— ’Adharcan chlis a chinn uaine, Cum do chruaidh-sgread ’n a tamh, Na cuiribh buaireas no bruaillean Air suain-fhois mo ghraidh. ’Aftoin chubhraidh, cia aillidh Na beanntaibh ard’ tha dhuit dluth, Le an caochanaibh meara, Glan, fallain gun ghruid; Far am bi mi gach la ’N uair tha ’ghrian aig aird’ a buan-churs’, Bothag bhoidheach mo Mhairi ’S mo threud-alaich fo m’ shuil. Cia taitneach do bhruachan ’S do chluanagan caoin; Ann do fhrith-choill cha ’n ainmig An t-sobhrach gheal-bhui’ ghlan, mhaoth; ’N uair bhios braon-dhruchd an fheasgair A’ dealtradh nan raon, Bidh mise ’s Mairi ri sugradh Fo bharrach cubhraidh nan craobh. A chaoin Aftoin, cia soilleir Do shruthaibh criostail, gun ruaim, ’Ruith ’n an luban mu ’n airidh ’M bheil mo Mhairi ’cur suas; Cia mear iad ri failceadh Casan sneachd-geal mo luaidh, ’N uair bhios i ’luidrich feadh d’ athaibh ’Tional bhlathan mu d’ bhruaich. Siubhail seimh feadh do ghlacan, A chaoin Aftoin nan lub, ’Abhainn chubhraidh gun fhotas, Cuspair m’ orain ’s mo chiuil; Ri do thaobh tha mo Mhairi An cadal tlath-fhoisneach ciuin, Siubhail seimh, ’s as a bruadar Na gluais i ’s na duisg. Mo Run an Cailin. LE UILLEAM ROS. E ho ro, mo run an cailin, E ho ro, mo run an cailin; Mo run cailin suairc’ a’ mhanrain, Tha gach la a’ tigh’n fo m’ aire. Gur h-e mis’ tha briste, bruite, Cia b’e ri ’n leiginn mo runachd; Mu ’n ainnir a’s binne sugradh, ’S mi ri giulan a cion-falaich. Tha mo chridhe mar na cuaintean, Mar dhuilleach nan crann le luasgan; No mar fhiadh an aird nam fuar-bheann; ’S mo chadal luaineach le faire. Shiubhail mi fearann nan Gael, ’S earrainn do Bhreatunn air farsan; ’S cha ’n fhacas na bheireadh barr Air finne bhan nan tla-shul meallach. Bu bhinne na smeorach a’ cheitein Leam do ghloir, ’s tu coradh reidh rium; ’S mo chliabh air lasadh le h-eibhneas, Tabhairt eisdeachd dha d’ bheul tairis. Bu tu mo chruit, mo cheol ’s mo thaileasg, ’S mo leug phriseil, riomhach, adhmhor; Bu leigheas eugail o na bhas domh, Nam feudainn a ghna bhi mar-riut. Gur muladach mi ’s mi smaointeach Air cuspair mo chion, gun chaochladh; Oigh mhin, mhaiseach, nam bas maoth ’S a slios caoin-tla mar an canach. Tha do dhealbh gun chearb, gun fhiaradh, Min-gheal, fir-ghlan, direach, lionta: ’S do nadur cho seimh ’s bu mhiannach, Gu pailt, fialaidh, ciallach, banail. Air fhad m’ fhuireach an Dun-eidin, ’Cumail comunn ri luchd Beurla; Bheir mi ’n t-sorruidh so gun treigsinn, Dh’ ionnsuidh m’ eibhneis anns na gleannaibh. Ged a tharladh dhomh bhi ’n taobh-sa, Gur beag mo thlachd dhe na du-ghaill; ’S bithidh mi nis a’ cur mo chuil riu, ’S a’ deanamh m’ iuil air na beannaibh. Gur h-eutrom mo ghleus, a’s mi m’ iompaidh, ’S neo-lodail mo cheum o’n fhonn so; Gu tir ard nan sar-fhear sunndach, ’S mi treigsinn Galldachd ’nam dheannaibh. Diridh mi gu Tulach Armuin, Air leth-taobh Strath min na lairce; ’S tearnaidh mi gu Innseag Bla-choill’, ’S gheibh mi finne bhan gun smalan. Oran. LUINNEAG. Air faillirin, illirin, uillirin, O, Air faillirin, illirin, uillirin, O, Air faillirin, illirin, uillirin, O, Gur boidheach an comunn Tha chomhnuidh ’n Srathmor. Gur gile mo leannan Na ’n eal’ air an t-snamh, No cobhar na tuinne ’Si tilleadh bho ’n traidh, No ’m blath-bhainne buaile ’Sa chuach leis fo bharr, No sneachd nan gleann dosrach ’Ga fhroiseadh mu ’n lar. Tha cas-fhalt mo ruin-sa Gu siubhlach a’ sniomh Mar na neoil bhuidh’ a lubas Air stuchdaibh nnn sliabh; Tha ’gruaidh mar an ros, ’N uair is boidhche bhios ’fhiamh Fo ur dhealt a’ cheitein Mu ’n eirich a’ ghrian. Mar Bhenus a’ boillsgeadh Thar choilltibh nan ard, Tha miog-shuil ’gam bhuaireadh Le suaicheantas graidh; Tha braighe nan seud Ann an eideadh gach aidh, Mar ghealach nan speur ’S i cur reultan fo phramh. Bidh ’n uiseag ’san smeorach Feadh lointean nan driuchd ’Toirt failte le ’n orain Do ’n og mhaduinn chiuin; Ach tha ’n uiseag neo-sheolta, ’San smeorach gun sunnt, ’N uair a thoisicheas m’ fheudail Air gleusadh a ciuil. ’N uair thig samhradh nan neonain A’ comhdach nan bruach, ’S theid gach eoinein ’sa chrochd-choille Cheol leis a’ chuaich; Bidh mise gu h-eibhinn A leumraich ’s a ruaig, Fo dhluth mheuraibh sgaileach A’ manran ri m’ luaidh. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. Am Feillire. SEPTEMBER, 1898. 1 Dior-daoin Blar Sedan, 1870. 2 Di-haoine Teine mor Lunnainn, 1660. 3 Di-satharna Bas Chromwell, 1658. 4 DI-DONAICH 13mh Donach na Trianaid. 5 Di-luain Breith Raibeirt Mhic Fhearghais, 1750 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin 8 Dior-daoin Glacadh Sebastopol, 1855. 9 Di-haoine Bas Chaluim Chille, 597. 10 Di-satharna (9) Blar Flodden, 1513. 11 DI-DONAICH 14mh Donach na Trianaid. 12 Di-luain Glacadh Chuibeic, 1759. 13 Di-mairt Bas Uilleam Pitt, 1806. 14 Di-ciaduin 15 Dior-daoin 16 Di-haoine Bas Sheumais VII, 1701. 17 Di-satharna Seisdeadh Dhuneideann, 1745 18 DI-DONAICH 15mh Donach na Trianaid. 19 Di-luain Clo-bhualadh a cheud leabhair, 1471. 20 Di-mairt 21 Diciaduin Bas Sir Walter Scott, 1832. 22 Dior-daoin Blar Sliamh-a-Chlamhain, 1745. 23 Di-haoine 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH 16mh Donach na Trianaid. 26 Di-luain Crùnadh Uilleam Rufuis, 1087. 27 Di-mairt 28 Di-ciaduin Bas Dheorsa Buchanan, 1582 29 Dior-daoin Breith Morair Nelson, 1758 30 Di-haoine Breith Uileim Chuimein 1715 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 6, M. 37 F. An Solus Ur, L. 15, U. 7, M. 56 F. A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 10, M. 25 F. An Solus Lan, L. 29, U. 6, M. 54 F. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 80] [Vol. 7. No. 10. p. 8] THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $4.00 Sia miosan, 2.00 Tri miosan, 1.00 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt R. Mac Neill, Sidni, C. B. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 81] [Vol. 7. No. 11. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 7, 1898. No. 11. EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH. Braidalbainn. Tha sinn an comain an fhir-dheasachaidh air son an ceartachadh a thug e air an earrainn mu dheireadh de ’n eachdraidh so. Ma tha neach air bith de d’ luchd-leughaidh a tha meas gur fiach an eachdraidhsa ’leughadh an dara uair, cuireadh e am focal “Gallaobh” an àit an fhocail “Cataobh” anns gach àit anns an coinnich am facal sin e, agus an sin bidh an earrann ud de ’n eachdraidh air a ceartachadh. Nuair fhuaradh a mach nach buineadh an tiodal Iarla Ghallaobh gu laghail do Iain Glas, fhuair e o’n chrùn a bhi na Iarla Braidalbinn—tiodal a bha aige fein agus aig a mhac IAIN, an dara Iarla. Thainig esan a dh’ ionnsuidh na h-oighreachd anns a bhliadhna 1716. Bha e pòsda da uair. Cha d’ fhàg a cheud bhean sliochd na deigh, ach bha triùir chloinne aig’ o’n dara bean: Iain, an t-oighre, agus dithis nighean. Bha ’n dara Iarla na dhuine còir, sìochail; agus, uime sin, cha ’n eil eachdraidh a toirt duinn moran iomraidh air. Chaochail e anns a bhliadhna 1752, agus thainig a mhac IAIN, an treas Iarla, thun na h-oighreachd na àite. Fhuair e o’n chrùn a bhi an caochladh de dhreuchdan arda anns an rioghachd na latha fein. ’Nuair bha e na dhuine òg, agus mu ’n do chaochail ’athair, thugadh blàr fuilteach Chuil-fhodair, far ’n do chaill cho lionmhor fear de chloinn nan Gàidheal a bheatha. Tha eachdraidh nan amanan deuchainnach ud sgriobhte. Faigheadh gach Gàidheal eolas air eachdraidh a dhùthcha. Chaochail an treas Iarla anns a bhliadhna 1782. Bha e pòsda da uair, ach cha d’ fhag e sliochd na dheigh. Thainig dluth fhear-daimh dha IAIN, mac do Chailean Caimbeul, Charwin, a stigh air an oighreachd. Bha Cailean so de shliochd Chailean Mo-castle, dara mac Raibeart, treas Baron Ghlinn-Urchaidh. Bha Cailean Charwin, na chòirneal ann an arm Righ Deòrsa, anns a bhliadhna 1746. Bha e am blàr na h-Eaglaise Brice, agus bha Donnachadh Bàn nan Oran anns an reiseamaid aige. Chaidh Donnachadh do ’n chath mar fhear-ionaid do dh’ fhear de Chloinn-an-Leisdeir, a mhuinntir Ghlinn-Urchaidh. Thug Mac-a-Leisdair a chlaidheamh fein da. Ghabh luchd nan cotaichean dearga an ruaig. Theich Donnachadh; agus leis a chabhaig thilg e ’n claidheamh uaithe. ’S ann an uair sin a sheinn e:— “Latha dhuinn air machair Alba Na bha dh’ armailt aig a chuigse, Thachair iad oirnne na reubail ’S bu neo-eibhinn leinn a chuideachd; ’Nuair a chuir iad an ratreut oirnn ’S iad ’nar deigh a los ar murtadh ’S mur deanamaid feum le ’r casan Cha tug sinne strad le ’r musgan.” ’S e mac a choirneil so, ma ta, a b’ oighre àir treas Iarla Braidalbainn. Thainig e thu na h-oighreachd mar an ceathramh Iarla. Rugadh e anns a bhliadhna 1762. Fhuair e oighreachd Braidalbainn anns a bhliadhna 1782; agus anns a bhliadhna 1806, fhuair e bho ’n chrùn an tiodal Marcus, agus bha ’n tiodal so aige féin agus aig a mhac ’na dheigh. Bha e ’na chòirneal anns an arm mar bha ’athair roimhe. Bha aon mhac aige. Chaochail e fein anns a bhliadhna 1834, agus thainig a mhac IAIN ’na àite. B’ esan an dara Marcus agus an coigeamh Iarla. Bha e ’na bhall pàrlamaid, agus ann an iomadh ard dhreuchd anns an rioghachd. Chaochail e gun sliochd fhagail na dheigh, anns a bhliadhna 1862. Bha e nis ’na ni teagmhach co dha bhuineadh an oighreachd. Bha barrachd air aon neach a tagradh còir oirre, ach ’s e SIR IAIN ALASDAIR GAVIN CAIMBEUL, a fhuair coir air seann oighreachd fharsuinn agus bheairteach Bhraidalbainn. Thainig esan mar an ceudna a mach air sliochd Raibeart, treas Baron Ghlinn-Urchaidh. Rugadh e anns a bhliadhna 1824 Fhuair e Braidalbainn anns a bhliadhna 1862. Tha dithis mhac aige: Gavin agus Ivan, agus aon nighean, Eva. Thug sinn a nise seachad iomradh ghoirid air Caimbeulaich Earraghael agus air Caimbeulaich Braidalbainn. Tha sinn an duil stad an dràsda le sin, air eagal gu ’n sgithich sinn do luchd-leughaidh. Tha teaghlachd no dha eile de Chaimbeulaich air am feudadh sinn cunntas a thabhairt: teaghlach Chreignish, teaghlach Chaudair, &c. Feudaidh e bhith ma bhios gach cuis mar ar miann, gu ’n till sinn ris an eachdraidh acasan aig àm eile. Bha amadan latha a’ gabhail ceum athghearr troimh fhearann Iarla, faisg air a chaisteal ’n uair a thachair an duine mòr ris. “Till thu,” ars’ esan, “cha’n e sin an rathad.” “Bheil fhios agad,” ars’ an t-amadan, “c’àit a bheil mi dol.” “Cha’n ’eil agam,” ars an t-Iarla. “’S cia mar tha fios agad, ma ta, nach e so mo rathad?” BEATHA AGUS EUCHDAN AN RIDIRE UILLEAM WALLACE. Earrann IV. (A CUAIRTEAR NAN GLEANN.) Dh’ fhag sinn Wallace ann an eilean Lochlibhain, agus thubhairt sinn gum fàgadhmaid e an sin ag iasgach bhreac car mios. Gabhaibh ar leisgeul, a Chuairteir uiseil; ’se bha sinn a’ ciallachadh, nach cluinneadh sibh uainn tuilleadh car mios. Wallace ag iasgach bhreac, agus Albainn na tom-coin do na Sasunnaich! Cha b’e an tlàm a bh’ air a chuigeil—cha b’e an t-iasg airson an do bhiadh e ’dhubhan! An ceann latha no dha, thug e baile Pheairt air a ris. Chaidh innse dha air a rathad gu ’n robh brathair-a-mhàthair am priosan, le òrdugh Chaiptein Thòmais Weir—Sasunnach gun iochd, gun trocair, aig an robh cuig-fichead saighdear fodha. ’Nuair rainig Wallace a’ choimhearsnachd, chuir e gille roimhe, feuch am faigheadh e àth no aodainn air an abhuinn Tatha far am faigheadh iad thairis. Mar bha fortan an dan, thachair an gille air iasgair a thairg a gheòla do Wallace agus d’a dhaoine an nasgaidh. Cha b’e ’mhàin, ach dh’ aisig e thar an abhuinn iad, agus thug se iad lom ’us direach gu tigh Weir. Thug Wallace an t-urram do Weir gu ’n do chuir e ’n ceann dheth le ’chlaidheamh féin, agus leig e le ’ghillean an ceithir-fichead ’s an naoi-deug a spadadh. Thug e nis an uamh air far an robh brathair-a-mhàthar ann an iaruinn, agus leig e mar sgaoil e. Air an la’r-na-mhàireach, chruinnich iad a’ chreach; agus ’nuair ’thuit an oidche, mu dhorchadh nan tràth, thug iad Dunbreatun orra. Bha banntrach sa’ bhaile so air an robh eolas aig Wallace; agus mu chamhanaich an latha bha e aig a dorus. Dh’ fhalaich i e féin agus a ghillean a thiotadh ann an sabhal glaiste, agus thug i dha naoinar mhac foghainteach a bh’ aice a sheasamh còir Albainn. Thug Wallace oirre dol agus comharradh ’chur le cailc (cha b’ ann le fuil) air dorus gach tighe anns an robh mac Sasunnaich. B’i ’bhanntrach nach obadh. Rinn i mar dh’ iarr. Chaidh an t-aingeal-bàis a nis a mach; agus, air feadh na h-oidhche, cha robh tigh a bh’ air a chailceadh nach do chuir e ri theine; agus mu ’n robh fios aig a’ chuid eile de ’n bhaile ciod a thachair, bha e féin agus a sheòid ann an uamhannan Dhun-breatun. An ath oidhche thug Wallace Ròsneoich air. Mharbh e mu cheithir-fichead Sasunnach ’bha dol dhachaidh o bhanais. Thug e nis an caisteal air. Mharbh e na bha ’n sin. Chaith e seachduinn ann, agus chuir e sop teine ris. Cha robh gearastan an Albainn a nis nach do striochd do Righ Iomhar, ach caisteal Shrìla. Sheas an caisteal so ’mach còrr ’us dà mhios; ach ma dheireadh “cha robh mìr bìdh aca, cha robh diar dibhe aca, cha robh fòid connaidh aca, cha robh spong teine aca,”—b’ éiginn striochdadh! ’Nuair ’chunnaic Iomhar gu robh Albainn a nis fo chis, agus gu ’n do mhionnaich gach tighearna ’s gach moirear a bhi dìleas ach Wallace, chuir e roimhe nach biodh so mar chloich ’na bhròig, no mar chàilein ’na fhiacail. ’Se ’rinn e nis, thairg e trì chiad marg do dh’ airgiod-cinn as. ’Nuair nach d’ rinn so feum chuir e nios á Sasunn ridire Albannach, Iain De Mowbray, agus fear Haliburton, Albannach eile, a bha aon uair a’ cogadh fo bhrataich Wallaice, ach a ghlacadh ’nuair ghéill caisteal Shrila. Ciod an doigh a ghabh iad air Wallace fhaotuinn a mach, cha ’n eil e soirbh a radh le cinnt. Tha e air a radh gu ’n do bhrìb iad Iain Cutach, a ghille; ach aon ni tha cinnteach, ’se sin: gu ’n deach a bhrath agus a ghlacadh mu ’n àm so le Sir Iain Menteith, brathair-màthair Shir Iain Stiùbhart, a thuit ann am blàr na h-Eaglaise-brice. Thainig iad air ’san oidhche, aig Rob-Royston, cuig mile mu ear-thuath air Glaschu, ’s e ’na leabaidh; agus a thiotadh liubhair iad e do dh’ Iomhair. Cha luaithe ’rainig iad Lunuinn leis, na thug iad e gu talla mor Westminster. Chuir iad crùn do shlataig-nam-buadh air a cheann, mar spìd; agus dh’ fheuch iad e mar reubalach—mar neach a loisg am bailtean, ’s an caisteil, ’s a mharbh na miltean d’an cinneach. Thubhairt Wallace riu, sùil m’an aodann, gu ’n do loisg ’s gu ’n do mharbh, ’s gu ’n deanadh e fathast e an aobhar a dhùthcha, nam biodh an cothrom aige; ach nach b’ urrainn iad a dhearbhadh gum bu reubalach e, a chionn nach do mhionn-e riamh a bhi dileas do righ Shasuinn, ’s nach mionnaicheadh. Mo chreach! cha robh fear ann a sheasadh do chòir!—cha robh do sheise ri d’ chùl, a Wallaice! Chaidh a dhiteadh. Thugadh dheth an crùn. Cheangladh e le slabhraichean iaruinn ri earball eich, agus shlaodadh mar so troimh sràidean a’ bhaile e, gus an d’ [TD 82] [Vol. 7. No. 11. p. 2] rainigear Smithfield, far an robh a’ chroich dhubh ’s an dul mallaicht’ a’ feitheamh air. Chaidh a nis a leth-chrochadh—’se sin, leagadh a nios e leth-mharbh. Thugadh a mhionnach as a chom, a’s loisgeadh mu choinneamh a shùil e. Thug iad an sin an ceann dheth, agus roinn iad a chorp na cheithir cheithreannan. Cha ’n fhoghnadh so; ach chuir iad a cheann air stob àrd fiodh air drochaid Lunuinn, agus a shlinnein deas air drochaid Newcastle. Chuir iad a shlinnein toisgeil gu Berwick, a chas dheas ’s a shliasaid gu Peairt, agus a cheithreamh clì gu Aber’ain. Thuit a nis an dubh-oidhche air Albainn! Chuir a h-iarmailt oirr’ a callaid bhròin. Chaidh tonn ’us traigh gu caoidh. Chaidh a chubhag ’s an smùdan gu bun nan dos. Shearg fiar ’us fochann. Shil gach craobh a h-ubhlan, a’s chaidh mnathan ’us maighdeanan gu gàbhadh ’s gu bas-bhualadh. Ach dh’ fhas agus dh’ at cridhe gach fir. Chite morchuis agus morachd a’ steidheachadh ’nan gnùis—chite ardan a’ lasadh ’nan gruaidh, agus lasair meanmna anns gach suil! Cha robh oidhche gun a latha na deigh, ’s cha robh geamhradh gun earrach. Chuir thusa, Iomhair, Albainn gu fulang—chuir thu tàmailt oirre nach d’ fhuair i riamh, ’s nach d’ fhulaing i; ach mu ’n tig sea miosan o’n diugh, thig dioghaltas. Cluinn flapraich a sgiathan! Beiridh e ort; agus Albainn ghràdhach, a tha ’n diugh bronach, bithidh i aighearach—Albainn ghradhach, a tha ’n diugh fo dhaorsa, bithidh i saor! Ged ’tha Wallace marbh, tha Bruce beo—ged tha Carlisle an Sasunn, tha Bannockburn an Albainn! agus latha fuileach Bhannockburn gheibh gairdean ròmach Albainn buaidh! Thug mi nis, a Chuairteir uiseil, mar ’gheall mi, beatha Wallaice gu crìch. Taing dhuibhse airson ’ur siobhaltachd; agus creidimh mi gur math leam fada beò sibh. MACTALLA. Eilean Cholla, 1842. SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. I. O chionn fad an t-saoghail bha taillear ann an Casgar aig an robh bean anabarrach boidheach. Mar a bha nadarra gu leor, bha gaol mor aige oirre. Bha e na shuidhe muigh aig an dorus air latha araidh ’s an t-side briagha, blath, agus e gu trang a’ fuaghal. Co thigeadh an rathad ach amadan beag, crotach, a bhiodh mar bu tric ann an cuirt an righ, agus a bhiodh a’ deanamh spors is fearas-chuideachd do’n righ, agus do dh’uaislean na cuirte. Thoisich e ri gabhail oran ’s ri cluich air inneal-ciuil do’n taillear. Chord an gnothach cho math ris an taillear ’s gu ’n do smaoinich e gu’m bu choir dha iarraidh air an amadan a dhol a steach do’n taigh comhladh ris gus spors a dheanamh do ’n mhnaoi. “Ni am fear beag so debhearsain gu leor dhuinn fad an fheasgair,” ars’ esan ris a mhnaoi, “agus mu ’r ’eil dad agad ’na aghaidh, iarraidh mi air tighinn a steach a chur seachad an fheasgair comhladh ruinn.” Bha bhean toileach gu leor so a dheanamh. Ghabh an t-amadan crotach an cuireadh a fhuair e gu toileach. Dhuin an taillear a’ bhuth, agus chaidh e fein ’s an t-amadan crotach dhachaidh. Gun dail sam bith rinn bean an taillear biadh deiseil, agus ma bha gach ni eile air a’ bhord bha iasg air. Ach bha’n t amadan crotach cho gineach ag itheadh an eisg ’s gu ’n do stad cnaimh mor ’na amhaich, agus ged a rinn an taillear ’s a bhean gach ni ’nan comas gus an cnaimh a thoirt as amhaich, dhubh-dh’fhairtlich orra ’thoirt as. Ann an uine ghoirid bha e marbh aca gun sgrid air an urlar. An uair a chunnaic iad gu’n robh e marbh, bhuail an t-eagal iad gu h-anabarrach; oir bha fhios aca, na’m faigheadh luchd-riaghlaidh a’ bhaile fios air mar a thachair, gu ’n rachadh an cur an sas le cheile, agus gur docha gu’n cailleadh iad am beatha air a shaillibh. Coma co dhiubh, cha robh aca ach feuchainn ris a’ bheirt a b’ fhearr a dheanamh dhe ’n bheirt bu mhiosa. An uair a smaoinich iad car uine air a’ chuis, bhuail e anns a’ cheann aig an taillear nach robh doigh a b’ fhearr air am faigheadh iad an duine marbh bhar an lamh na feuchainn ri chur ann an luib an doctair Iudhaich a bha faisge orra. Cho luath ’s a thuit an oidhche dh’ fhalbh iad leis a’ chorp gu taigh an doctair. Bha’n taillear fo na guaillean aige agus a bhean fo na casan. An uair a rainig iad an dorus agus a bhuail iad aige, ghrad thainig searbhanta ’n doctair g’ a fhosgladh, agus o nach robh solus aice, dh’fheoraich i co bh’ aig an dorus agus ciod a bha dhith orra. “Ma ’s e do thoil e till suas,” ars’ an taillear, “agus abair ri do mhaighstir gu’n d’ thug sinn an so duine ro thinn, agus gu’m bheil toil agam e thighinn g’ a fhaicinn. So dhut bonn airgid a a bheir thu do ’n doctair, a chum gu’n aithnich e nach ’eil mi air son an car a thoirt as.” An uair a chaidh an t-searbhanta suas an staidhre leis an naigheachd mhath so thun an doctair, thug an taillear ’s a bhean suas an corp gu h-ealamh gu barr na staidhreach, agus an uair a dh’ fhag iad an sin e, dh’ fhalbh iad dhachaidh cho luath ’s a b’ urrainn daibh. Anns a’ cheart am rainig an t-searbhanta far an robh an doctair, agus dh’innis i dha gu’n robh firionnach is boirionnach shios aig an dorus agus duine ro thinn aca, agus gu’n robh iad ag iarraidh air a dhol sios gus ’fhaicinn. “So agaibh,” ars’ ise, “bonn airgid a chuir iad a nuas g’ ar n-ionnsuidh,” ’s i ’sineadh dha an airgid. Rinn an doctair gairdeachas mor ris an airgiod; agus o ’n a fhuair e paigheadh roimh laimh bha e ’smaointean gur e daoine beairteach a chur fios air agus thug sin air grad fhalbh far an robh iad gun fhuireach ri solus a thoirt leis ’na laimh. An uair a bha e dluth air barr na staidhreach, thuirt e ris an t-searbhanta, “Greas an so leis an t-solus.” Ach an aite stad far an robh e gus an tigeadh i leis an t-solus, ghabh e le cabhaig gu ceann na staidhreach. Bhuail a chasan anns a’ chorp, agus sid sios an corp car mu char gus an do stad e aig bonn na staidhreach. Cha mhor nach do thuit e fhein comhladh ris. “A nuas solus an so cho luath ’s a rinn thu riamh,” ars’ esan ris an t-searbhanta. Mu dheireadh thainig an t-searbhanta leis an t-solus, agus chaidh e sios an staidhre comhladh rithe. Ach an uair a chunnaic e gu’n robh an duine a bhuail ’na chasan air barr na staidhreach marbh aig a bonn, bhuail an t-eagal e gu h-anabarrach. Thoisich ri urnuigh ri Maois, ri Aaron, ri Ioshua, ri Easdras, agus ris na faidhean uile, “Nach bu mhi ceann a’ chruaidh-fhortain ’g am bhreith,” ars’ esan. “Car son a thainig mi idir a nuas gun solus! Mharbh mi an duine bochd a thugadh g’ am ionnsuidh gus a leigheas. Cha’n ’eil teagamh nach mi bu mhathair-aobhair dh’ a bhas. Agus mur faigh mi as na tubaistean anns an do thuit mi, bidh mi fodha dheth gu brath. Gu’n deanadh na naoimh trocair orm! Bidh na maoir an so gun dail, agus bheir iad leotha mi mar mhortair? Ged a bha e fo iomacheist agus ann an cunnart mor aig an am, thug e fa near an dorus a dhunadh air eagal gu ’m faiceadh a h-aon de luchd-falbh na sraide mar a thachair, agus gu’n saoileadh iad gur e fhein a chuir an duine gu bas. Thug e’n corp do’n t-seomar anns an robh a bhean, agus an uair a chunnaic i mar a bha, theab i dhol a cochull a cridhe leis an eagal. “Ochan!” ars’ ise, “tha sinn fodha dheth gu brath mur teid againn air a chorp fhaighinn am mach as an taigh ro mhadainn. Ma chumas sinn a staigh e gu mhadainn, cinnteach gu leor caillidh sinn ar beatha air a shaillibh. Cha do thachair a leithid so de mhi-fhortan do dhuine riamh. C’ arson a mharbh thu an duine?” “Cha ’n e sin idir a’ cheisd an drasta,” ars’ an t-Iudhach, “ach cia mar a gheibh sinn an corp bhar ar lamh.” Chuir an doctair Iudhach agus a bhean greis dhe’n oidhche seachad a’ smaointean cia mar a gheibheadh iad an corp a chur as an t-sealladh. Ach b’ i a bhean a b’ fhearr ceann, agus thuirt i mu dheireadh, “Tha smaointean air bualadh ’nam cheann; thugamaid an corp suas gu mullach an taighe, agus leigeamaid sios e anns an t-simealair aig ar coimhearsnach. B’e an coimhearsnach so am marsanta a bhiodh a’ reic ime agus olla, agus nithean eile dhe’n t-seorsa ris an righ. Agus bhiodh luchain is radain ag itheadh moran de na nithean a bh’ anns a’ bhuthaidh aige. Dh’ aontaich an doctair gu’n deanadh iad mar a bha ’bhean ag iarraidh. Thug iad an corp suas gu mullach an taighe, agus chuir iad rop m’ a achlaisean, agus leig iad sios anns an t-simealair e cho socrach ’s gu’n robh e ’na sheasamh ann mar gu’n biodh e beo. Dhragh iad leotha an rop, agus chaidh iad dhachaidh. Beagan uine na dheigh sin, thainig am marsanta dhachaidh bhar bainnse, agus linntir aige. Ghabh e ioghnadh mor an uair a chunnaic e, le solus an lainntir, duine anns an t-simealair. Shaoil leis gur e meirleach a bh’ ann agus ghrad fhuair e cuaille math bata, agus ghabh e direach far an robh an corp, agus thuirt e, “A dhearg mheirlich, bha mise an duil gus a so gur e na luchain agus na radain a bha ’g itheadh an ime ’s na geire orm, ach is tusa tha tighinn a nuas troimh ’n t-simealair g’ an goid! Ach tha mi ’smaointean nach tig thu air chabhaig a rithist air son a’ cheart ghnothaich do’n taigh so.” An uair a thuirt e so, thoisich e ri bualadh a’ chuirp gu laidir leis a’ bhata. An uair a thuit an corp ’na sgleog air an urlar, ghabh am marsanta dha leis a’ bhata gu math ’s gu ro mhath. Mu dheireadh an uair a thug e an aire nach robh an corp a’ gluasad, stad e dhe ’bhualadh. Sin an uair a thuig e gu’n robh an duine marbh. Ghrad bhuail an t-eagal e. “Nach bu mhi ceann a’ chruaidh-fhortain,” ars’ esan. “Ciod a rinn mi! Mharbh mi an duine! Ochan! chaidh mi tuilleadh is fad air aghart le mo dhioghaltais. A Dhe mhaitheasaich, mur dean thu trocair orm, caillidh mi mo bheatha! Mo dheich mile mollachd air an im ’s air a gheir a thug orma leithid so de chionta mhoir a dheanamh!” Sheas e far an robh e ’s e cho geal ris an anart, agus gun chomas aige ach gann ’anail a tharruinn. Ar leis gu’n robh e ’cluinntinn fuaim casan nam maor a’ tighinn gus a ghlacadh, a chum a chur gu bas. Cha robh fhios aige fo’n t-saoghal ciod a dheanadh e. Cha d’ thug e an aire gus a so gur e ’n t-amadan crotach a bha e ’bualadh; ach an uair a chunnaic e co bh’ aige, thug e mhile mollachd air fhein. “Ah, ’chrotarnaich na mollachd,” ars’ esan, “a mhic a’ choin! b’fhearr gu ’n robh thu ’n deigh gach ni ’s a’ bhuthaidh a ghoid, agus thu fhein a thoirt as mu ’n d’ thainig mi! Na ’n d’ rinn thu so, cha bhithinn-sa cho mor fo thrioblaid ’s a tha mi air do shon fhein, agus air son do chroit ghranda! Oh! gu’n tugadh reultan neimh solus dhomh anns an uair so.” An uair a thuirt e so, thog e leis an corp air a ghualainn, agus dh’ fhag e ’na sheasamh aig oisinn na sraide e, agus thill e dhachaidh gun uiread is sealltainn ’na dheigh. Beagan uine mu’n do shoilleirich an [TD 83] [Vol. 7. No. 11. p. 3] latha, bha marsanta mor, beairteach, o ’m biodh an righ a’ ceannach moran bathair, an deigh tilleadh dhachaidh o chuirm mhoir aig an robh e. Agus bha e ’dol am mach a rithist gus e fhein fharagadh. Ged a bha e air leith iomall na daoraich, bha de thur ann na bha tuigsinn gu’n robh moran dhe’n oidhche air a dhol seachad, agus gu’m biodh sluagh a’ bhaile air an cois an uine ghoirid gus a dhol gu urnuigh na maidne aig soilleireachadh an latha. Air an aobhar sin bha e ’coiseachd gle chabhagach air aghart a chum gu’n ruigeadh e an taigh-faragaidh mu’n eireadh daoine; oir bha fhios aige, nam faicteadh e, gu’n rachadh a chur ann am priosan air son a bhith air an daoraich. An uair a rainig e oisinn na sraide stad e tiotadh air son gnothaich araidh dluth air an aite anns an d’fhag am marsanta eile an t-amadan crotach ’na sheasamh ris a’ bhalla. Cha d’ thug e an aire dha idir, agus gun fhios dha fhein bhuail e ann, agus thuit e. Agus thuit an t-amadan crotach ’na ghlag air a mhuin. Shaoil leis a’ mharsanta gur e meirleach a bh’ann, agus bhuail e dorn air ann an toll na cluaise. Cha’n fhoghnadh so leis, ach ghlaodh e aird a chlaiginn, “Meirlich! meirlich.” Bha freiceadain a’ bhaile faisge air laimh, agus an uair a chual’ iad an glaodh, ghrad thainig iad. An uair a chunnaic iad am marsanta ’bualadh an an fhir chrotaich, thuirt iad, “Ciod e an gnothaich a th’ agad a bhith ’bualadh an duine air an doigh sin?” “Bha e ’dol a thoirt uam an sporrain, agus leum e air mo mhuin gus breith air amhaich orm,” ars’ am marsanta. “Ma rinn esan sin,” ars’ iadsan, “rinn thusa dioghaltas gu leor air mar tha. Leig ’na sheasamh e.” An uair a thoisich iad ri togail an fhir chrotaich, thug iad an aire gu’n robh e marbh. “Oh! nach bu dana dhut, ’s gur Criosduidh thu, a dhol a mharbhadh duine a tha ’na Mhahomedanach!” Gun tuilleadh a radh rug iad air a’ mharsant agus thug iad leotha e do ’n phriosan, far an do ghleidheadh e gus an do chuireadh a’ chuirt ’na suidhe. Anns an am bha ’marsanta ’fas sobarra, agus cha b’ urrainn e thuigsinn cia mar a chuireadh aon bhuille dhe dhorn an duine gu bas. An uair a shuidh a’ chuirt ’s a cheasnaicheadh na freiceadain ’s a shealladh air an duine mharbh, chuireadh a’ cheisd air a’ mharsanta, an e a mharbh e. Ach cha b’ urrainn da e fhein a shaoradh, agus mar sin, cha robh aige ach gabhail ris a’ chionta. O ’n a b’ e ’n t-amadan crotach aon dhe na bhuineadh do chuirt an righ, cha robh am breitheamh deonach binn bais a thoirt am mach an aghaidh a’ mharsanta gus an rachadh a’ chuis a chur air beulaobh an righ. Gun dail sam bith chaidh e far an robh an righ, agus dh’ innis e dha mar a bha. Thuirt an righ ris, “Cha toir mise mathanas do Chriosduidh sam bith a mhortas Mahomedanach. Bi falbh, agus grad chuir am mortair gu bas.” An uair a chual’ am breitheamh so, dh’ ordaich e croich a bhith air a cur suas, agus chuir e daoine air falbh air feadh sraidean a’ bhaile a ghlaodhaich ris an t-sluagh gu’n robh Criosduidh gu bhith air a chrochadh air son gu’n do mhort e Mahomedanach. Mu dheireadh thugadh am marsanta ’mach as a’ phrìosan, agus chuireadh ’na sheasamh aig bonn na croiche e. An uair a bha ’n crochadair a’ cur tobha na croiche m’ a amhaich, thainig am marsanta eile ’na dheannaibh a steach troimh ’n mhor-chuideachd, agus ghabh e direach thun na croiche. Ghlaodh e ris a’ chrochaduir, ag radh, “Na cuir an Criosduidh sin gu bas idir. Tha e neo-chiontach. Is mise a mhort an duine.” Anns an t seasamh bonn cheasnaicheadh e, agus dh’innis e gach ni mar a fhuair e’n t-amadan crotach anns an t-simealair, mar a ghabh e dha leis a’ bhata gus an do mharbh e e, agus mar a dh’fhag e ’na sheasamh fuar, marbh, aig oisinn na sraide e. “Bha thu,” ars’ esan, “a ’dol a chur an neo-chiontaich gu bas an aite ’chiontaich; oir cia mar a b’ urrainn e bhith ciontach de bhas an duine an uair a bha ’n duine marbh fada mu ’m fac’ e e. Tha gu leor dhomhsa bhith ciontach de bhas Mahomedanaich gun a bhith ciontach de bhas Criosduidh ’s e neo-chiontach.” (Ri leantuinn.) BEACHD MI-REUSANTA. FHIR DEASACHAIDH:—Bho na leubh mi litir ’sa MHAC-TALLA á Ceap Nor, chuimhnich mi air ruid a bha mo nabaidh ag rathainn latha o cheann ghoirid ’s e stigh agam. Bha mi fein na mo shuidhe gun a bhi radh focal, ’s gun a bhi gabhail oirm gu robh mi ’ga chluinntinn. ’S ann a thòisich e air a radh, “O nach iongantach a bheachd a th’aig na daoin’ ’tha ’g radh gu bheil an saoghal a dol m’a chuairt. “Well nach eil iad iongantach,” arsa Mairi is i freagairt. “Na biodh an saoghal a dol m’a chuairt,” ars’ esan, “bhidh sinne thall aig taobh a tuath an eilean dhona so.” Brist mo ghàire orm fhein, agus ’se fhein a rinn a ghareachdain cuideachd leis a bhuille a thug e do’n bheachd mhi reusanta. Na biodh sinne thall aig taobh a tuath an eilein chitheadh muinntir Cheap Nor sinn! Ma’s fhiach leat so a chur ’sa MHAC-TALLA cuir ann e. CARRAIG. MAR FHUAIR CLANN DOMHNUILL OIGHREACND ’AN EIRINN. Is iomad atharrachadh a thàinig air an t-saoghal o’n a thachair an sgeula beag a leanas. O chian, bha Eirinn air a roinn na h-iomad rìoghachd bheag; agus àrd-cheannas, agus uachdranachd aig gach righ air earrainn féin. Anns na lìnntibh sin thachair do Mhac Fionn, rìgh Anntrum a bhi dol le Cao’-mhala, àilleagan an fhuilt réidh, agus ban-òighre a rioghachd gu cuirm mhòr a bha Triath ainmeil taobh eile na h-Eirinn a’ toirt seachad, do uaislibh agus do mhaithibh na tire. Cha robh maillc ri Mac Fionn ach buidheann bheag de ghillean, gun fhiughair air bith aige ri caimdeal air a shlighe. Mar bha e ’g ìmeachd air a thurus roi’ mhonadh farsuing uaigneach, cò choinnich e ach duine cumhachdach, borb, d’ an do dhiult e roimhe sin a nighean a thoirt ann am pòsadh. B’e O’ Dochairti rìgh Innis-Eoghainn a bh’ ann, agus cuideachd laidir leis. Thuig Mac Fionn na bha na bheachd, agus tharruing e suas a chuid daoine ann an cuairt a’ cur a nighean, chum a dion, anns a mheadhon. Chaidh Mac Fionn a lot gu trom, agus thuit a chuid bu phailte d’ a dhaoinibh. Thog O’ Dochairti rìbhinn an fhuilt reidh, air a bheulaobh air muin stéud-eich lùth’oir, agus ghiulain e air falbh i a dh’ aindeoin a glaodhaich, a smuainteachadh gun d’ fhuair e fa dheireadh na bha cho fada na bheachd. Bha ’s na lìnnibh si co’-chaidreamh, agus dlù-eolus eadur ceann mu thuath na h-Eirion, agus Earraghàidheal ’na Albuinn; thachair gun robh Albannach òg éireachdail, ann an làn earadh a dhùthcha, le chlaidheamh air a leis a’ gabhail an rathd tre ’n mhonadh chéudna, a dh’ ionnsuidh na ceart chuirm gus an robh righ Anntrum a’ dol. Chual’ am fleasgach curanda so àrd ghlaodhaich Chao’-mhala, agus rinn e arson bealach cumhang far an do choinnich e O Dochairti, agus dh’ àiltun e dha àilleagan an fhuilt réidh a chur fa sgaoil. Theirinn O Dochairti bhàr an eich, agus an caramh a chéile ghabh e fein agus an Gaidheal. An déigh iomad leòn agus creuchd taobh air thaobh, fa dheireadh bhuadhaich an Gaidheal, agus dh’ fhàg e O Dochairti na shìneadh air an raon. Ann am prioba na sùl bha e féin agus Cao’-mhala air an stéudeach luath, rinn iad arson tigh a h-athar, “Caisteal Bhaile Ghali,” a tha trì mile o’n àite ’s a bheil Buile-Lathurna a nis air a thogail; agus far a’ bheil làraichean briste ri fhaicinn gus an là an diugh. Cha robh an Gaidheal treun, agus rìbhinn an fhuilt réidh, fad anns a Chaisteal, nuair a thàinig Mac Fionn air a ghiulan le dhaoinibh, a chuala mar a thàchair, a chaidh mach air a thòir, agus a thug dhachaidh e. Is soirbh r’a thuigsinn gun d’ rinn Mac Fionn mòr ghairdeachas ’nuair a fhuair e gun robh a nighean gu saor slàn, air a teasairginn o O Dhochairti. Thug e buidheachas, agus cha b’ ann aon uair do ’n Albannach, ’guidhe air e dh’ fhantainn maille ris, a dhìon a Chaisteil, gus am bitheadh e fein léighist’ o a chreuchdaibh, agus comasach air aicheamhuill a thoirt a mach air O Dochairti, a choinnich e le foill co tàmailteach. Rè shè seachduinean dh’ fhan an Gaidheal ann am Baile Ghali ann an cuideachda ri Cao’-mhala, ainnir àillidh an fhuilt réidh. A cheud là a chunnaic an Gàidheal i bha a chridhe aic’ agus do réir na h-uile coslas bha ise ’s an rùn cheudna dha. Cho luath ’s a bha Mac Fionn slàn, fallain, dh’ iarr an Gaidheal cead co’-naltradh a bhi agus ris ’na sheòmar féin. Fhuair e sin. Is mis’, a deir esan, Aonghas Mac Dòmhnuill. Triath Chinntire; is iomad strigh agus cogadh a bha eadar na daoin’ o’n d’ thàinig sinn. Deòraich dhomh a nis làmh do nighinne, agus bithidh càirdeas daingean eadar ar teaghlaichean am feasd. Ghabh righ Anntruim corruich mhòr, agus co luath ’s a b’ urrainn da labhairt, ghlaodh e ’stigh air a chuid ghillean; glacaibh, a deir esan, an duine dalma so, agus tilgibh sìos e do’n ionad-dhion is diongmhaite, agus dùinibh a chòmhladh iaruinn air dhoigh ’s nach bi dol as aige. Cha robh feum do ’n Domhnullach cur nan aghaidh; leam e sios iad do’n ionad dhorch far an cual e na croinn agus na slabhruidhean iarainn air an glasadh gu teann, daingeann. Thilg se e féin air ceannaig chonnlaich a dh’ fhàg iad aige, a’ meoraich ris féin cia mar dhìoladh e an droch bhiatachd so nach do thoill e. Mu mheadhon oidhche chual’ e na slabhruidhean a bh’ air an dorus a’ fuasgladh, agus na croinn air an tarruinn. Chuir e roimhe nach cuireadh iad gu bàs e gun aicheamhuil, ghlac e slachdan mòr iaruinn fhuair e ’s an àite, agus sheas e ann an cùil, le dhruim ris a bhalla, a’ feitheamh na muinntir, a shaoil e a bha tighinn a stigh chum cur as da. B’ ioghnadh leis fhaicinn nach d’ thainig ach aon seann duine, agus fann sholus ’na làimh; is mis’, a deir an seann duine, oid’-altrum Cao’-mhala, ainnir àillidh an fhuilt réidh; chuir i mi chum thus a chur fa sgaoil, agus làn chinnt’ a thoirt do’n Ghàidheal ghast’, nach tréigeadh i am feasd e. “Lean mise,” ars’ esan, “so dhuit do chlaidheamh; tha bìorluinn luaith, agus sgioba nach meataich cadha feirge, a ’feitheamh ort chum do ghiulan do d’ dhùthaich féin. Ràinig an Dòmhnullach an tràigh, agus fhuair e gach ni mar ghealladh dha. Ghabh e’n linne, agus ann an ùine ghoirid chunnaic e leus air tùr ard Dhùnabhartaidh, agus m’an do bhris an fhair’ bha e ’n a aitribh riomhaich féin ann am Machaire mhòr na mòralachd. ’N uair a thuig Mac Fionn nach pòsadh a nighean a h-aon de na bha ga h-iarraidh, agus gun robh rùn a cridhe aig an Dòmhnullach òg, thog e tùr laidir, ceithir-chearnach, air sgeir a muigh air a mhuir, fo mhaol àrd a bha dlùth da thigh fein, o’n robh iad nan urrainn aon bhàt’ a thigeadh na chòir, a chur fodha le clochaibh. Ann an seòmar àrd de’n tùr so bha ainnir àluinn an fhuilt réidh air a glasadh, fo chùram dhaoine as an robh a h-athair earbsach; oir chuir e roimhe nach faigheadh boirìonnach air bith dol da còir. Ruith foighidinn Aonghais (Air a leantuinn air taobh 86.) [TD 84] [Vol. 7. No. 11. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth, ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 7, 1898. CUEBEC. Tha, anns gach àite, iomradh air a dheanamh a nis air Cuebec, am baile laidir, ard, iomraiteach, seasmhach, a tha air bruach amhuinn mhoir Chanada. Chaidh clach-chuimhne eireachdail a thogail, mu dheireadh, airson onoir a chur air an Fhrangach ghasda Champlain, a rinn euchdan iongantach, agus a nochd buaidhean glormhor, ann an tus oidheirp nam Frangach air greim a ghabhail air mor-roinn America. Tha dealbh-shnaidte, a tha fuasach grinn agus boidheach, de Champlain fein, air mullach na cloiche-chuimhne air an d’ rinn mi luadh. Bha e ceart agus iomchuidh gu rachadh gach onoir a bha comasach a chur air ainm ’us gniomharan an Fhrangaich neo-fheineil, threibhdhireach a roghnuich Cuebec mar an t-aite anns am bu choir do bhaile ’bhi air a thogail ’s air a steidheachadh. An uair a thainig an t-àm airson an sgail a tharruing air falbh bho dhealbh Champlain, agus a phearsa dhireach, dhuineil a nochdadh do ’n t-saoghal gu leir, bha ’lathair ann an Cuebec, ard-uachdaran Chanada agus iomadh duine mor eile. Bha longan-cogaidh a bhuineas do Bhreatunn anns an acarsaid, agus chaidh mar so, urram mor a chur air an duine dhileas, ghasda, Champlain. Anns gach dealas gaisgeil a rinn e, cha d’ fhuair e ach cuideachadh bronach bho ’n Fhraing fein. Chosd a’ chlach-chuimhne ’s an dealbh aluinn deich mile fichead dollair, agus thog na Frangaich ann an Cuebec ’n am measg fein, a’ chuibhrionn a’s modha de ’n airgiod. Tha e gle thogarrach a bhi ’faicinn agus a’ cluinntinn gu bheil smuaintean caoimhneil air an altrum, agus gu bheil briathran ceanalta, grasmhor air an labhairt le Frangaich, agus le gach cinneach eile ann an Canada, am moladh Champlain. Thainig caochladh anabarrach air faireachduinnean nan Stàidean, on thoisich an cogadh a bha aca leis na Spàinntich ann an Cuba agus ann an aitean eile. B’ abhaist doibh a bhi ’labhairt gu tamailteach, mi-chairdeil mu dheibhinn Bhreatuinn. Tha na Stàidean a’ cur thairis aig an àm so, le gradh ’us speis do Bhreatunn, agus le iarrtus fuaimneach air ceanglaichean treise, gradhach a nasgadh eadar iad fein agus am mathair urramach. Bha cridheachan nan Stàidean air an cradh gu goirt, do bhrigh gu robh—mar bha iadsan a’ creidsinn—ocras ’us geur-leanmhuinn uamhasach air am fulang leis na Cubanaich. Cha b’ urrainn iad tuille maille ’dheanamh; agus ged ’bha an samhradh teith, chuir iad sios iomadh saighdear ’us long-cogaidh gu Cuba, airson saorsa ’s comhnadh foilidh a thabhairt do na daoine truagha, na Cubanaich. Cha robh biadh ’us eudach gu leoir aig na Stàidean airson an saighdearan fein, an uair a ruig iad Cuba. Cha d’ fhuair mar so, na Cubanaich bhochd, biadh no eudach bho na Stàidean. Rinn na Stàidean greim co daingeann ’sa b’ urrainn iad air Cuba, air Porto Rico, agus air na h-Eileanan Philippianaich. Tha aobhar laidir aig rioghachdan an t-saoghail gu leir, a bhi ’g radh gu bheil gnathachadh nan Stàidean narach, agus feineil, agus mi-onorach; oir gu dé rinn iad, ach an cuid fein a thabhairt bho na Spàinntich leis an laimh laidir, agus gun iomradh air ceartas agus ionracas. Thainig na ceatharnaich ghasda a chaidh sios bho na Stàidean mu thuath gus a’ chogadh ann an Cuba, air an ais gu ’n dachaidhean ’us gu ’n teaghlaichean fein. Mo thruaighe! tha moran diu co euslainteach agus co ciuirrte, ’s gu bheil eagal mor nach bi iad gu brath slan no laidir. Tha na ceardan lionmhor fathast ann an Albainn. Bithidh iad gun tamh a’ dol thar a cheile ’us a’ gleachd le fearg oillteil. Ma theid neach air bith ’n am measg airson sith a dheanamh, is abhaist doibh tionndadh le durachd anabarrach air an duine no air na daoine aig an robh a’ mhiann sith a thabhairt air ais am measg nan ceardan. Is ann air a’ mhodh cheudna ’tha na Cubanaich agus na Spàinntich ann an Cuba aig an àm so ’gan gnathachadh fein. Tha iad a’ cur ann an di-chuimhne, nan connspoidean ’us gach stri amaideach agus fhuaimneach a bha aca anns na laithean a dh’ fhalbh; agus tha iad ag radh nach leig iad gu brath do na Stàidean uachdaranachd fhaotainn no a ghabhail ann an Cuba. Ma theid riaghladh ùr, comasach, seasmhach gu brath a chur suas ann an Cuba, is e Cubanaich a bhitheas air a cheann. Cha bhi suaicheantas nan Stàidean a’ crathadh gu brath ann an aileadh Chuba; oir ni na Cubanaich agus na Spàinntich a tha fathast anns an eilean ud, gach dichioll ’us gaisge airson Cuba ’ghleidheadh doibh fein, agus bho chumhachd ’us riaghladh nan Stàidean. Tha upraid chruaidh air feadh nan Stàidean a nis, agus cha chulaidh-fharmaid staid an luchd-riaghlaidh agus nan daoine amaideach gun tuigse ’thoisich an cogadh, agus a lion an dùthaich le ’m beachdan bochd agus le ’n oraidean mosach, breugach mu dheibhinn Chuba. Tha miltean de dhaoine cneasda, foghluimte anns na Stàidean, air am bheil naire ’s doilgheas anabarrach gu d’ rinn iad riamh cogadh ann an Cuba; ’us gu do nochd iad tomhas co beag ’us suarach de chairdeas no de chaoimhneas do na Cubanaich bhochda. Tha na daoine so air an cradh gu goirt; oir chaill iomadh duine òg, eireachdail a threoir ’s a shlainte, do bhrigh gu deachaidh iad sios (on rinn luchd-riaghlaidh nan Stàidean gairm eagalach orra) do Chuba, far an d’ fhuair iad galar, ’us fiabhrus, ’us droch aire a thug uatha an neart ’s an slainte. Ni na Stàidean deifir gu mall mun toisich iad a rithist air cogadh co neo-uasal agus neo-theoma ris a’ chogadh gun maith gun tabhachd a rinn iad an aghaidh nan Spàinnteach ann an Cuba. Tha sinn a’ tuigsinn gu robh da cheud mile saighdear Spàinnteach ann an Cuba ’nuair thoisich na Stàidean air cogadh anns an eilean ud. Is e mo bheachd nach robh ann an dùthaich no ann an eilean air bith bho thoiseach an t-saoghail, ceannardan airm co paisdeil, bochd, agus feachd co truagh, gealtach ris na Spàinntich air an d’ rinn mi iomradh. Nam bitheadh Citchener, an laoch murreach, tapaidh, mearganta—an Eirionnach lurach, comasach—le deich mile de na saighdearan Eiphiteach a theagiasg e ’us a thog e suas ann an eolas air stri nan lann, car mios ann an Cuba, chuireadh e crioch air aramach nan Cubanach; bheireadh e saorsa, ’s toinisg, ’us tapaidh do ’n eilean gu leir. Theireadh e ris na Spàinntich: “Rachaibh as an rathad; is e daoine leisg, lunndach, gun mhaith, gun stath, a tha annaibh.” Theireadh e ris na Cubanaich: “Thugabh thairis ur doigh fein ’us na deanaibh moille air bith de ’r aramach; fasaibh an doigh sitheil, agus bithidh iad seimh agus deanaibh seirbhis chiuin, dhichiollach anns an eilean bheartach. Mur gabh sibh mo chomhairle, tha saighdearan Eiphiteach leam, agus ri mo thaobh, leis an tug mi iomadh buaidh anns an Eiphit: aig Atbara, ’s Omdurman, agus aitean eile; agus bheir mise oirbh le mo shaighdearan dubh ’us dearg, ann an gle bheagan uine, gu stad sibh de bhur comhluadar bruideil, agus gu fas sibh ciuin; oir le faobhar a’ chlaidheimh teagaisgidh mise naigheachd ’us leasan ùr duibh—a shluaigh gun eanchainn, gun duinealas, a rinn dithreabh truagh daonnan de ’n eilean lurach, thorach, bhoidheach so.” CONA. Cha ’n fhada ’n ùine nise gus am bithear a taghadh luchd-comhairle anns na siorrachdan, agus tha an t-àm aig an luchd-taghaidh a bhi cur rompa ciod a tha iad a dol a dheanamh. Tha e soilleir gu leòr nach eil cùisean mar bu chòir dhaibh a bhi ann an comhairlean cuid de na siorrachdan, agus mar is luaithe theid atharrachadh a dheanamh, gur ann a’s fhearr. Na’n sguireadh daoine thoirt bhòtaichean do fheadhain a bhios ag iarraidh a stigh a chionn gur grits no tories iad, bhiodh na siorrachdan air an riaghladh moran na b’ fhearr agus na b’ onaraiche na tha iad. Tha sinn an dòchas air an turus so gu’n toir an sluagh an cuid botaichean do na daoine ’s fhearr a ghabhas faotainn, gun iomradh a thoirt air politics. Nach fhearr dhut gu mor do bhòt a thoirt do dhuine firinneach, onarach, ged a bhiodh e air an taobh eile, na a toirt do dhuine as nach eil earbsa sam bith agad a tha air an aon taobh riut fhéin. Cha’n eil ann ach an amaideachd a’s fhaoine bhi stri ri politics ann an riaghladh siorrachd. Tha an t-àm aig daoine beagan gliocais fhoghlum, agus muinntir a chur do ’n chomhairle d’ an aithne gnothuch a dheanamh agus a tha lan earbsach. Tha beagan dhiubh sin anns na comhairlean an dràsda, ach ’s mor a b’ fheairrd iad tuilleadh a dhol comhla riutha. Thoir comhairl’ air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Bu chòir do gach Gaidheal a ghabhail. [TD 85] [Vol. 7. No. 11. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bidh Latha Taingealachd air a chumail am bliadhna air Dior-daoin, an ceathramh latha fichead dhe’n ath mhios. Tha am fiar cho pailt ann an siorrachd Chumberland air an fhoghar so ’s gu bheil na tuathanaich ’ga chreic air ceithir dolair an tunna. Cha’n eil an sin ach pris bhochd, ach ’s math e bhi pailt. Chaidh triùir dhaoine a ghoirteachadh le tuiteam guail anns a Mèinn a Tuath a sheachdain gus an dé. Cha robh an ghoirteachadh ro dhona, agus bidh iad cho math ’sa b’ àbhaìst dhaibh a bhi an ceann beagan lathaichean. Bha an t-side gu math blàth agus briagha air an t-seachdain so. Cha’n eil teagamh nach e “samhradh beag nan Innseanach” a th’ ann. Is math an t-side bhlàth fhad sa gheibhear i. Bidh an geamhradh fuar agus fada gu leòr. Thainig fear Eòseph Mac Mhuirich a mhuinntir Ghrand Mira dhachaidh as a Chlondaic air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e air falbh ann an dùthaich an òir o chionn àireamh bliadhnaichean, agus thatar ag radh gur fhiach e nise ceud mile dolair. Thainig bàs muladach air nighinn òig a a mhuinntir Schooner Pond, a bha ann am Boston o chionn beagan us seachdain air ais. An àm dhi dhol a chadal, shéid i as an gas, agus mu’n d’ thugadh fa-near le muinntir an taighe ciod a rinn i, bha i air a mùchadh gu bàs. Bu nighean i do Sheumas Borden, agus cha robh i ach mu fhichead bliadhna dh’ aois. Thugadh a corp dhachaidh oidhche Di-satharna s’a chaidh. Tha tinneas mor am measg nan saighdearan Geancach ann am Porto Rico. Tha mu dheich mile dhiubh anns an eilean sin, ach tha còrr ’san ceathramh cuid dhiubh anns an tigh-eiridinn, agus tha moran dhiubh san a tha air a dhol am feobhas gun chomas feum sam bith a dheanamh. Tha eagal orra gu feumar an t-arm a thoirt air falbh gu buileach. Tha muinntir nan Staitean a’ faotainn a mach nach e ’n sùgradh an cogadh. Air leinn gu bheil iad gu math sgith dheth roimhe so, ’s na’m b’e ’n dé an diugh nach rachadh iad a chogadh ris an Spainn no ri rioghachd eile ’na leithid de chabhaig. Thainig fios air an t-seachdain s’a chaidh gu’n deachaidh Impire Shina a mhort. O chionn ghoirid rinn an t-Impire laghannan ùra, leis an robh moran a bharrachd saorsa air a thoirt d’a iochdarain, agus leis an robh iomadh ni eile air àithne a bhiodh a chum math na dùthcha. Am measg nithean eile bha Li Hung Chang air a chur á dreuchd. Ach an deigh sin ghlac màthair an Impire an riaghladh dhi fhein, ’s bha Li Hung Chang air a chur air ais, agus tha’n sgeul a nise air tighinn gu bheil crioch air a chur air beatha ’n Impire. Cha’n eil teagamh nach eil lathaichean trioblaideach a feitheamh air Shina. Cha deachaidh an àireamh bu mhotha de luchd-bhòtaidh Chanada a mach a bhotadh idir air an t-seachdain s’a chaidh, ach bha chuid bu mhotha dhiubh-san a chaidh a mach air son bacadh a chur air an stuth làidir. Bha mu sheachd mile fichead a bharrachd air an taobh sin. Bha a chuid a b’ fhearr aig an luchd-bacaidh anns gach mor-roinn ach an Cuibeic a mhain; ann an sin bha àireamh mhor an aghaidh bacadh a chur air. Cha’n eil ’nar comas aig an àm so, an aireamh a bha air gach taobh anns gach mor-roinn a thoirt seachad, ach theid againn air a dheanamh air an ath sheachdain. Ann an Nobha Scotia, bha iad-san a bha air son bacadh a chur air mu choig mile fichead na bu lionmhoire na na iad-san a bha an aghaidh sin. Chaidh fear Tòmas Mac Lachluinn a mharbhadh ann an Truro air an t-seachdain s’a chaidh, ’se ’g obair timchionn air muileann bualaidh. Chaidh e ’n sàs ann an té de na cuidlichean. Bha stoirm uamhasach ann an Iapan air an t-siathamh latha dhe’n mhios a dh’fhalbh. Bhristeadh moran soithichean, agus bha taighean air an sguabadh air falbh leis an tuil. Bha da cheud gu leth duine air a bhàthadh. ’Nuair a bha ’n fhéill ann a Halifacs, bha a mheairle dol air adhart mar nach b’ àbhaist. Chaill nighean òg a mhuinntir Antigonish sporan anns an robh $35.00, agus ghoideadh leth cheud dolair air duine mhuinntir Louisbourg. Di-satharna s’a chaidh, bha fear Alasdair Mac Fhionghain ag obair ann an toll soithich aig laimhrig ghuail an International, agus chaidh lan car de ghual min a thaomadh air a mhuin. Fhuair e as gun dad éiridh dha ach a lamh a ghoirteachadh. Tha seanadh na h-Eaglais Chléireach anns na Roinnean Iseal cruinn ann a Halifacs air an t-seachdain so. Bha an t-Urr. I. F. Forbes, ministeir St. Andrew’s, Sidni, air an thaghadh gu h-aon-ghuthach gu bhi ’na cheann-suidhe air an t-Seanadh. Tha àireamh mhath Iudhach a nise ann an Ceap Breatunn, agus ann an Glace Bay tha sinagog aca, far an àbhaist dhaibh a Chàisg, agus na féilltean eile a chumail anns an t-seann dòigh a ghnàthaich an sinnsirean. Seachdain romh ’n Di-màirt s’a chaidh bha pòsadh Iùdhach anns an ionad sin; bha Bernard Green agus Fanny Cohen air an ceangal le “snaim daingeann nach treig,” leis an Ribbi A. H. Shiff, anns an dòigh a chleachd na daoine o’n d’ thainig iad an Iudea còrr ud da mhile bliadhna air ais. Tha troimhe-chéile mhér ann am baile Pama, an Illinois. Tha am baile air a chuartachadh le mèinnean guail, agus ’s ann air na mèinnean sin a tha an sluagh a deanamh am beòlaind. Bha àireamh mhór de dhaoine dubha air an toirt do’n bhaile gus an cur a dh’obair anns na mèinnean, agus cho luath ’sa thainig iad thòisich an aimhreit eadar iad fhein ’s na daoine geala, na daoine geala cur rompa nach leigeadh iad leotha fuireach ’s an àite idir. Bha iad cho doirbh an cumail aig riaghailt ’s gu’n do chuireadh fios air an arm. IADSAN A’ PHAIGH. Iain Rothach, Rudha Mharsden, N. Zealand. Iain Ceamp, Waipu, N. Zealand. Iain Mac Gilleain, Auckland, N. Zealand. Alasdair D. MacLeoid, Baile Shearlot, E. P. I. Iain Mac-a-Phi, Heatherton, E. P. I. Anna Nic Neill, Barraidh, Alba. Seumas Mac Neill, Barraidh, Alba. Aonghas Mathanach, Gut a Tuath, St. Anns. Iain Moireastan, Intervale Framboise. Ruairidh Mac Coinnich, Forks Shidni. Iain Gunn Mac Guaire, Loch Ban. Aonghas Strachan, St. Esperit. D. A. Mac Fhearghais, St. Esperit. Gilleasbuig Mac-a- Bhiocair, Catalone. Domhnull Moireastan, Meinn Lorway. Tearlach Ceanadach, Amhuinn Dhennis. A. N. Mac Faidein, Malagawatch. A. I. Mac Gill-fhaollain, B. C. Chapel. Domhnull Mac Gilleain, Rudha ’n Rothaich. Iain D. Domhnullach, Woodbine. Seumas Mac Aonghais, Grand Mira. 25c. Mairi Stevenson, Shipka, Ont, 25c. Iain Domhnullach, Framboise. BAS. Aig Barachois Baoghasdal, air Di-mairt an 27mh latha de September, Raonull Domhnullach, mac do Alasdair Domhnullach (Fear-comhairle) sia bliadhna dh’ aois. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AM FLUR a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ($3.00) gu Ceithir us Tri Chairteil ($4.75). Is Flur math e cuideachd. ALASDAIR MARTUINN. SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. BATHAR CRUAIDH. Th mi a nise ’cumail Bathair cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. [TD 86] [Vol. 7. No. 11. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 83.) òig gu tur, agus chuir e roimhe gum faigheadh e a mach an t-àite ’s an robh Cao’-mhala rùnach an fuilt réidh air a glasadh suas. Dh’ fhàg e Ceann-tìre mu àrd-fheasgair, agus ann an dubhar na h-oidhche chaidh e air tìr na aonar air a charraig air an robh an tùr anns an robh ise air a glasadh. Thàinig e fo uinneig a seòmair, bha’n oidhche gu ciùin samhach, cha robh ri chluinntinn ach onfha trom a chuain, agus torman nan tonna beag air an tràigh; do réir coslais, bha’n luchd-faire nan suain, agus thog Aonghas òg duanag bhòidheach a b’ àbhaist da a ghabhail do Chao’-mhala; m’an deach e fad air aghaidh, dh’ fhosgail ainnir àluinn an fhuilt réidh am uinneag, agus thog i le binneas a beoil, an luinneag maile ris. Chuir iad an comhairle ri cheìle, agus dh’ aontaich i falbh leis; ach b’ e ’n càs dhàsan an uinneag a ruigheachd; fa dheireadh fhuair e suas, agus le neart a ghairdein bhrist e gach sàs a bha gu cumail agus ann an tiota bha i aige ann on Iuraich riomhach Chinn-tìre, chualas nuallan a phioba ann an aitreabh Mhic Fionn, mar ghiulain e air falbh Ban-oighre theaghlaich; phòsadh iad air an là am màireach. Ann an ùine ghoirid thàinig a h-Athar ’n a déigh, rinn iad suas an reite agus leis a phòsadh so fhuair Cloinn Dòmhnuill seilbh air tìr Anntruim, a ghleidh iad gus an là an diugh. T. G. LITIR A EILEAN A PHRIONNSA. A MHIC-TALLA RUNAICH,—’S fada ’s cian o nach d’ fhuair thu litir uam. Tha mi ’g iarraidh mathanas ort air son mo dhearmaid. Ach na saoil idir gur e cion suim a th’ orm. Tha mi ’n dochas nach eil thu de ’n bheachd gu ’m buin mi do ’n dream ud anns nach urrainn caraid earbsa chur. ’S luachmhor a ni seasmhachd air cùl-thaobh ’s air beulthaobh neach. ’S coma leam dhiu sud a tha leam-leat agus is beag orm an dream neo-sheasmhach. Cha b’e coire nan Gàidheal riamh a bhi neo-sheasmhach do ’n cairdean, ’s tha mi ’n dochas nach eil an spiorad sin a dol bas ’nar measg. Tha mi faicinn le mor thlachd gu bheil MAC-TALLA air dol a meud. Tha e nise dol na sheachd bliadhna, agus is mor an t-adhartas a thainig air anns an uine sin air gach doigh. Tha e ni ’s motha; tha e ni ’s dreachmhoire; tha e ni ’s fear air a chlo-bhualadh. Tha cairdean foghainteach air a chul a toirt cuideachadh dha seach mar bha anns a cheud dol a mach. A fear cuideachaidh a b’ fhearr a bha aig MAC-TALLA an uair sin—an Urr. D. B. Blair—cha ’n eil e ann ni’s mo; (’s cha ’n eil ’s cha bhi caraid ni’s dilse aige no ni’s comasaiche aige); ach fhuair cairdean eile eolas air an deigh sin, agus, mar bu choir dhaibh, thairg iad gach cuideachadh dha a b’ urrainn iad a thoirt seachad le ’m peann ’s le ’sporran. Tha cùisean a dol air aghaidh an Eilean a Phrionnsa ni eiginn mar is àbhaist: cuid ri gearain ’s ri talach, ’s cuid taingeil do ’n Fhreasdal air son gach math a tha e deonachadh dhuinn. Tha gaiseadh mor anns a chruinneachd am bliadhna air an eilean so. Dh’ fhas e gu math agus bha e gealltanach gu leor gu faisg air àm an fhoghair. Ach bha aimsir air leth fliuch, ceothach againn an àm an abachaidh. Mheirg an cruithneachd agus cha do lion e. Tha so na chall mor do na tuathanaich. Cha robh urad riamh de chruithneachd air a chur air an eilean ’sa bh’ ann am bliadhna, agus cha mhor fluir a thig as. Ach tha ’n cruithneachd pailt agus saor an Ontario, a Manitoba, agus anns an aird an Iar-Thuath. Mar sin cha bhi gainne ’san dùthaich. Tha flur math ’ga chreic an diugh aig na marsantan air son $4.50 am barailt. Cha ’n eil sin daor. ’S cuimhne leum fhaicinn $12.00 am barailt, agus nithe eile a reir sin am pris. Cha ’n eil coir aig daoine an diugh a bhi gearain. Bha sacramaid Suipeir an Tighearna air a frithealadh am paraisde Strathalba, air a 25mh la de ’n mhios so. Bha dithis ministearan eile maille ri ministear a cho-thional aig an àm ud—an t-Urr. Iain D. Mac Farlain, á sgire St. Mary’s, N. S; agus an t-Urr. Ruairi Fionnasdan, á Margaree, C. B. Bha aimsir air leth briagha ann fad na h-uine, ach a mhain gu ’n do shil frasan trom uisge air Di-haoine. Bha co-thional mor cruinn. Bha an sluagh cho stolda, maiseach na ’n giulain ’s na ’n gluasad ’s a b’ urrainn do neach iarraidh. Fhuair sinn searmoin math soisgeulach bho na braithrean a bha labhairt; agus tha sinn an dochas gu ’m bi an saothair a’ giulain toraidh a bhios ri fhaicinn luath no mall. Ach feumaidh mi stad aig an àm so. Ma bhios gach cuis mar is math, cluinnidh du uam tre ’n gheamhradh. Is mi mar is àbhaist do charaid, an là chi ’s nach fhaic, C. C. Strathalba, E. P. I., Sept. 27, ’98. THUG IAD BOID. LE DONULL MAC CALUM Goirid an deigh do Phara nan Feadag Lorain a ghlacadh, leis an fheamainn-chìrean aige, chuir e fios air Calum Brocair agus a deir e ris—“Cha ’n fhiach thu do sheana bhrògan. Ma ’s e siod an doigh anns am bheil thu dol a ghlacadh Lorain ’s a’ Ghille Bàn, gabhaidh sinn greis mu ’n faigh sinn na croitean aca. Mhaoidh Captain Goblets an ath thurus a dheanainn amadan dheth mar siod gu ’m faighinn mo chead. Mar sin feumaidh tu bhi gle fhaicilleach.” “Tha ’chearta cho math leam,” deir Calum, “nach deachaidh leam an turus ud, oir tha mi nis dol a ghlacadh an dithis aca comhladh. Choinnich an triuir againn ann an tigh Lorain agus bhoidich sinn air a Bhiobul nach brathadh duin’ againn gu brath a cheile. Nach ’eil cothrom math a nis agam orra? Cha bhi droch amhrus aig aon do ’n dithis tuille orm. Ach bithidh an rosad ’s a chuis ma gheibh iad a mach gu ’n robh mis’ an so a nochd.” An deigh so chaidh an triuir turus no dha do ’n mhona ’s cha do thill iad le làmhaibh falamh. An ceann beagan uine thaghail Calum Brocair a ris, air Para nan Feadag, ’s an oidhch’, a dh’ innseadh da gu ’n robh gach ni aig’ an ordugh air son na fir a ghlacadh. “Nuair,” deir esan, “a bha mis’ aig a bhrocaireachd, fhuair mi mach uamh air nach ’eil fios aig aon ’sam bith ach mi fein, ’s a Choire-liath, aig Leab’-an-Fhamhair. Aig uair a latha, Di-luain so tighinn, bithidh sinn a gabhail “lunch” aig Leab’-an-Fhamhair. Leth uair an deigh uair tiolpaidh mise do ’n uamh gun fhios do na feara. Deich mionaidean an deigh sin thig thusa le Captain Goblets ’s a chuid ghillean. Ceangladh tu na fir agus bheir thu leat do ’n phriosan iad. ’N uair a bhitheas an “coast clear” theid mise dhachaidh air mo shocair.” Ni mise,” deir Para, “mar tha thu ’g iarraidh. Cha chuala mi riamh seol is fearr.” Air Di-luain fhuair Calum gach ni a dheanadh mar a shuidhich e. An deigh dhaibh fiadh, tri cearcan fraoich agus feadag a mharbhadh, thug e Lorain agus an Gille Bàn a ghabhail “lunch” air Leab’-an-Fhamhair, aig an uair a thubhairt e, agus thiolp e fein do ’n uamh. Ach cha luaithe dh’ fhairich na fir nach robh Calum air sgeul, na deir iad ri cheile—“Tha sinn air ar brath! Nach e ’n slaoidear Calum! Teichidh-mid gu luath!” Theich na fir cho dian ’sa bheireadh an casan iad, air slighe cho uaigneach ’sa b’ urrainn dhaibh fhaotainn. Mu’n gann a sheas Captain Goblets ’s a chuid ghillean air Leab’-an-Fhamhair ’sa chunnaic iad am fiadh, na cearca fraoich ’s an fheadan, chual iad an éigh ghointe sin ag éiridh o mheadhon a chnuic. Le brath an fhéigh sin, cha robh iad fada gus an d’ fhuair iad greim air Calum Brocair. Gu dé bha stigh ’s an uamh ach broc, agus cha ’n fhac e na b’ iomchuidh na greim a thoirt á cois a shean nàmhaid, agus leis an eagal a fhuair Calum, mu ’n do chuimhnich e air a chunnart, leig e ’n éigh a bhrath e. Chaidh Calum gun dàil a cheangal ’sa thoirt air falbh do ’n phrìosan. As an aite falaich a fhuair iad cha b’ fhada gus am faca Lorain agus an Gille na Sasunnaich ’s na gillean a dol seachad le Calum ceangailt aca. Thill na fir an sin air son an fhéidh ’s an euntaibh, a dh’ fhàg na Sasunnaich ’s a’ chabhaig, agus chaidh iad dhachaidh air an socair. EOGHAIN CIUIN. LE CALUM MAC PHARLAIN. Thachair do Eóghan Mac Cuaraig a bhi ’n ceangal pòsaidh ri boireannach buaireasach borb d’ am b’ainm Gaorsal Chleireach. Dhearbh e le ’ghiùlan fo a smachd a bhi cho ciùin foighidneach ’n a nàdur ri aon duine riamh a chuir seachad a làithean air an t-saoghal so bho àm Ioib. Aon de na làithean thàinig e dhachaidh thun a thràth-maidne, an dùil, mar a b’ àbhaist, gu ’m faigheadh e a chuach-brochain ’s a mheadar bainne a’ feitheamh air. Ach cha do thachair do chùisean a bhi mar sin; cha robh am brochan ach gann air ghoil. Thug Eóghan dhé a bhoineid leathann ghorm agus shuidh e gu sàmhach a sìos a chur an clcachdadh aon uair eile an t-subhailc air son an robh e ainmeil—an fhoighidinn. An déigh suidhe tacan math, am feadh a bha am brochan ’g a chur mu’n cuairt ’s ’g a bhruich, thug e ionnsaidh air éiridh agus thubhairt e,—“Saoilidh mi gu bheil e bruich ’n a leòir a nis agus gu’m faodar a thoirt dheth.” “Dean suidhe sin,” ars’ ise, “dé fàth do chabhaig? Cha’n ’eil coirce ’g a fhroiseadh aig an àm so bhliadhna.” Thug Eóghan fainear air gnùis na mnatha gu’n robh ’mhiann oirre ’fhearg a thogail gu bhi anns an aon shuidheachadh ris na bha ’s a’ phoit—air ghoil—agus ghéill e gu sìochail. An ceann tacain eile thubhairt e gu ’n robh eagal air nach bitheadh am brochan ullamh air a shon an diugh an àm, agus gluais e gu falbh. “Suidh far a bheil thu,” ars’ ise, “cha bhi mi ’g a thaomadh air son thus’ a thoileachadh, no aon eile, ged a ghoileadh e gus am bitheadh e cho righinn ’s gu n deanadh e sioman duit; dean suidhe sin, a cheothalain acraich ’tha thu ann! Bheir mis’ ort, le d’ ghearan, a bhumalair gun math gun rath”; agus mu’n d’ thug e’n aire, rinn maide-na-poite fuaim aìr a pheirceall, a fàgail neul a’ bhrochain air a leth-cheann. “Ud, a’ bhean, b’ fhèarr leam maide-na-poite iomairt mi fhéin na ’bhi ’g ad fhaicinn air do shàrachadh leis. A Rìgh gléidh mi, a Ghaorsail, cha chreidinn fhéin mur faicinn e gu’n togadh maidne-na-poite uiread bhrochain! Cha bu chòir dhuinn nì a leigeil a dholaidh” ars’ Eóghan ’s e toirt sgrìob air a’ bhrochan bhàrr a leth-aheann ’s ’g a bhlasad, “cha chreid mi nach dean e ’n gnothach a thaobh a bhruiche, ach nach ’eil grainne beag tuille ’s a choir de shalann ann?” DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. AITE COBHAIR. Labhair an t-Urr T. C. Mellor, Rural Dean, Christ’s Church Rectory, Guysboro, N. S., mu K. D. C. o chionn ghoirid, anns na briathran a leanas: “Tha mi gle thoilichte bhi comasach air teisteannas a thoirt mu luach K. D. C. airson cion-cnamhaidh. Bha mi fulang le droch stamaig, ach leighis K. D. C. mi. ’Nuair a dh’ fhairicheas mi e tuilleadh rium, gabhaidh mi K. D. C. agus leighsidh e mi gun dail. Molaidh mi K. D. C. ge b’e aite ’n teid mi.” An urrainnear dearbhadh a’s fhearr na so iarraidh. Tha sinn ag radh gur e K. D. C. an leigheas a’s fhearr a th’ ann air cion-cnamhaidh. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air tinneasan-cuim, agus ma ghabhar iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd. [TD 87] [Vol. 7. No. 11. p. 7] Gearain air America. ’S muladach a tha mi ’M Murray Harbor ’s mi gun Bheurl’, Cha b’ ionann ’s mar a b’ abhaist domh Oir chleachd mi Ghailig fhein; ’S ann bhithinn fhein ’s mo nabuidhean A manran greis le cheil’, ’S cha ’n fhaic mi ’n so ach gar-laoich ’S cha tuig mi ’n canain fein. Gur diombach dhe mo chairdean mi Na thainig romham fein, Nach d’ innis cor an aite dhomh ’S mar sharaich e iad fein, A dol troimh choill an fhasaich so Gun chail ach rathad “blaise”; O! ’s muladach an t-aite so A tamh aig fear leis fein. ’S e th’ ann a sin cuis smaointean Mar a smaoinicheas sibh fein, Cion caiseart agus aodaich Air gach aon a bhios na fheum, ’S gun dad aig fear ri fhaotainn Ach le shaothair as a gheig; O! ’s cianail fad na faoileach Leith a shaoghail ann gu re. Cha chuir mi fios gu brath A dh’ iarraidh chairdean no luchd-daimh A thi’nn gu ruig an t-aite so Gan talladh ach mi fein; Cha tigeadh sibh a thamhachd ann Ma tha sibh aig ar ceil. ’S na ’m b’ aithne dhomh a sgriobhadh Chor ’s gun innsinn dhuibh mo sgeul, Gu ’m foghnadh leam an fhirinn Gus a dhiteadh, ’s nach bu bhreug; Ged ’dheanadh fear a a dhichioll ann ’San t-side a bhi ’ga reir, Cuis eagail fuachd an fhaoillich ann Oir reothaidh daoine ’s spreidh. ’S mor gum b’ fhearr ’bhi ’n Alba Ged as fearainn gharbh iad fein, A h-uile taobh ga ’m falbhainn Ri cois na fairge reidh; Shiubhlainn greis dhe ’n anmoch ann ’S dh’ fhalbhainn ’s mi leam fein, Gun eagal orm gu marbhte mi Le garbh bhiasd dhubh nan geug. ’S ged thigeadh latha duathar oirnn Le ceo, ’s gaoth tuath, ’s gun ghrein, Cha b’ ann an coille “shuampaichean” A ghluaiseamaid ar ceum; Ach biollair agus fuaranan As luachair ghorm an t-sleibh; O! b’ ait leam a bhi ’nuair sin ann A buachailleachd na spreidh. B’e sin an t-aite boidheach, Gheibhte neoinean ann dh’ an spreidh, Bhiodh druchd air bharr an fheoir ann A toirt fas do ’n phor ’sa cheit. Bhiodh cuthagan is smeoraichean A comhradh air bhar gheug, ’S cha ’n fhaic mi ri mo bheo an so Na seorsachan sin fein. Dh’ fhalbh sinn as an aite sin Gu ’n d’ rainig sinn so fein, An duil gu ’m faighte fabhar ann ’S nach biodh am mal cho treun; ’S tha “Peters” ’ga ar sarachadh ’S mur d’ thig am bas air fein, O! ’s fheudar dhuinn gu ’m fag sinn so ’S “Cunnard” a tha na bheist. O! “Peters,” ’s truagh nach caochladh e ’S gu ’n dreadh a smaoin do ’n eug, Is mur a seall an t-aon-fhear air Bidh obair daor dha fein, A spursigeadh nan daoine bochd ’Sa cur nam maor nan deigh; Och! gheibh e fathast dioladh Far nach faod e chur an geill. Fhuair mi ’n t-oran so bho bheul-aithris, mac do ’n fhear a rinn e, maille ri iomadh oran maith eile a rinn e air dha tighinn do ’n duthaich so bho chionn tri fichead bliadhna air ais a Eilean Raasaidh. ’Se duine coir, firinneach a bha ann; agus maille ri nithean eile nach robh a tighinn ri chaileachd, tha e coltach nach robh luchd na Beurla a faotainn aite cho blath na chridhe ’sa gheibheadh luchd na Gailig. B’e “Cunnard” a b’ uachdaran air an fhearann, agus b’e “Peters” a b’ fhear-ionaid dha; agus tha e coltach gu robh iad le cheile an-iochdmhor. Agus ma bhios sibh co maith agus an t-oran so a chuir ’sa MHAC-TALLA, ’s gu ’n cordadh e ribh fein ’s ri cuid do luchd-leughaidh MHIC-TALLA, ma dh’ fhaoidte gu ’m faodainn tuilleadh dhiu fhaotainn. Cha deach gin dhe ’chuid orain a sgriobhadh, agus saoilidh mi gu ’m b’ olc an airidh sin. ’Se duine coir a bha fo dheagh chliu a bh’ ann. Se am bard Mac Illeathain a bh’ air a bhruaich a chainte ris. Cha ’n eil mi a dol a sgriobhadh dad a naigheachd aig an am, ach an naigheachd a chluinneas duine aig a h-uile neach—gu bheil daoine cho dripeil. Agus air son an gaiseadh a tha sa bharr, chi sibh gu leor dheth anns na paipairean Beurla. Gheibh sibh dolair ’san litir so air son MHIC-TALLA. ’S mi ur caraid dileas a h-uile latha, SEUMAS A. MAC ILLE-MHAOIL. Na h-Eileanan Coille, E. P. I., 17-9-’98. Oran Gaoil. LE AONGHAS CAIMBEUL. LUINNEAG. O-ho nighean, hiri nighean, O-ho nighean, chinn duinn aluinn; Mo ghaol cailin donn na buaile, ’S ann a tha mo luaidh san airidh. Thoir mo shoraidh is mo bheannachd Dh’ fhios na h-ainnir fhuair mo ghradh-sa; ’S innis gu bheil mi fo smuairean On a chaidh mi suas do ’n bhraighe. ’S tric gach la ag amharc suas mi Ris na bruaichaibh mu ’n deach m’ arach; Far am b’ abhaist duinn bhi sugradh, Ged a chuir thu cul an drasd rium. Och, mo chailin, gabhsa truas dhiom, Pill gu luath rium is na fag mi; ’S air a mheud ’s gan can an sluagh ruinn, Bidh sinn ’cluaineis mar a b’ abhaist. Deud mar chaile ad bheulan dathte, Mar an eala gheal do bhraghad: Leam bu mhillse pog o ’n ribhinn Na na fiogais fo mo chairein. ’S snasmhor, buadhach, glan an cuailein, ’Dh’ fhas mar ghruag ort suas mu d’ bhraighe; Sa h-uile ciabh a sniomh mu ’n cuairt Gu bachlach, duallach, cuachach, fainneach. Beul na firinn labhras siobhalt’, Da shuil mhiogach ’s iad ro narach; Creas mar fhaoilinn, gruaidh mar chaorunn, Mala chaol fo ’n aodann mhalda. Ged nach pill thu gu la-luain rium, Ged nach truagh leat bhith gam aicheadh; Gus an cairear anns an uaigh mi, Cha toir mis’, a luaidh, ach gradh dhuit. Am Feillire. OCTOBER, 1898. 1 Di-satharna Blar na Leargainn, 1263. 2 DI-DONAICH 17mh Donaich na Trianaid. 3 Di-luain Blar Allt Chuailleachain, 1594 4 Di-mairt 5 Di-ciaduin Blar Dhunchaillinn, 1315. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine 8 Di-satharna Losgadh Chicago, 1871. 9 DI-DONAICH 18mh Donaich na Trianaid. 10 Di-luain 11 Di-mairt Faotainn a mach America, 1492. 12 Di-ciaduin 13 Dior-daoin 14 Di-haoine Breith Uilleam Penn, 1644. 15 Di-satharna Breith Ailein Ramsay, 1686. 16 DI-DONAICH 19mh Donaich na Trianaid. 17 Di-luain Tuiteam Sebastopol, 1854. 18 Di-mairt 19 Di-ciaduin Bas Chandlis, 1873. 20 Dior-daoin 21 Di-haoine Bas Raibeirt Ghordaoin, 1853. 22 Di-satharna 23 DI-DONAICH 20mh Donaich na Trianaid. 24 Di-luain Bas Dhaniel Webster, 1852. 25 Di-mairt 26 Di-ciaduin 27 Dior-daoin Breith Sheumais Mhic Mhuirich, 1736. 28 Di-haoine 29 Di-satharna Blàr Charrochaidh, 1562. 30 DI-DONAICH 21mh Donaich na Trianaid. 31 Di-luain Oidhche Shamhna. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 1, M. 51 M An Solus Ur, L. 15, U. 8, M. 23 M A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 4, M. 55 M An Solus Lan, L. 29, U. 8, M. 4 M H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 88] [Vol. 7. No. 11. p. 8] THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $4.00 Sia miosan, 2.00 Tri miosan, 1.00 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt R. Mac Neill, Sidni, C. B. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 89] [Vol. 7. No. 12. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 14, 1898. No. 12. CLANN NAN GAIDHEAL. LE NIALL MAC LEOID. AIR FONN:—“Tha tigh’nn fodham eiridh.” Tha tigh’nn fodham, fodham, fodham, Tha tigh’nn fodham, fodham, fodham, Clann nan Gaidheal tha tigh’nn fodham, ’S foghainteach an euchdan. Siol nan sonn ’s nan curaidhean, Bha ’n tìr an fhraoich a tuinneachadh, A dhion a cliù gu h-urramach ’S nach fhuiligeadh an eucoir. Tha tigh’nn fodham, &c. An cliu, ’s an ùir sin mealamaid, ’S an t-saors’ is daor a cheannaich iad, ’S a chaoidh a’ strì gun fhannachadh A leantuinn air an ceum-san. Tha tigh’nn fodham, &c. Is ged ’tha ’n àl air tannachadh, Is muir is tìr ’gan dealachadh, Tha càirdeas blàth ’gan teannachadh Le carthantas nach treig iad. Tha tigh’nn fodham, &c. Cha dìobair iad am fearalachd, No rioghalachd an seanairean, ’S an gaol do thìr an athraichean, Ged’ sgaradh iad bho chéile. Tha tigh’nn fodham, &c. Tìr chorrach, stùcach, ghleannanach, Mu ’n tric na féidh ’s an langanaich, ’S an ceò a sniomh mu ’bearraidhean ’Na mheallan geal ’s a’ chéitein. Tha tigh’nn fodham, &c. O, gu ma buan is maireannach, ’Bhios cliù nam fiùran chaithreamach, Is fhad bhios grian is gealach ann Bidh aithris air an euchdan. Tha tigh’nn fodham, &c. LITIR A ALBA. Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach; Bodachan a’ ghàraidh Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA,—Tha am MAC-TALLA agus an dòigh anns am bheil cuid dhe na Gàidheil ’ga shàruchadh, a’ cur ’na chuimhue naigheachd bheag a chuala mi o chionn iomadh bliadhna, mu thimchioll duine còir, cneasda, a bha ’na ghobha ann an àite eiginn ’s a Ghàidhealtachd. Bha bean is teaghlach aig a’ ghobha, mar is minic a bh’ aig iomadh fear dhe sheorsa; agus cha chuir duine tùrail sam bith coire air air son gu ’n robh e pòsda. Agus mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, dh’ itheadh an gobha ’s a theaghlach trom, lag, biadh a cheart cho math ri sluagh eile na dùthchadh, an uair a bhiodh an t-slàinte aca; agus gu fortanach bha iad uile cho slàn ris a’ bhreac, agus a’ fàs mar na h-iseanan geòidh. Cha robh fear eile ’san dùthaich bu dichiollaiche ’s a b’ onaraiche na ’n gobha; ach bha cùisean a fairleachadh air, do bhrigh nach fhaigheadh e pàigheadh air son a shaoithreach. Neo-ar-thaing nach fhaigheadh e obair gu leòr—gheibheadh e barrachd ’s a b’ urrainn e dheanamh. A h-uile fear a rachadh do ’n cheardaich a ghlasadh ’nan iarunn, a charadh amull is ghreallag, no a dheanamh chromag, an àm an treabhaidh, bheireadh iad mìle taing do ’n ghobha air son a shaoithreach; ach cha tugadh iad sgillinn airgid dha. Rud nach b’ ioghnadh, dh’ fhàs an gobha seachd sgìth dhe na taingeannan, pailt agus math ’s mar a bha iad. Cha chuireadh iad an salann air a’ bhrochan dha. Ach mar bu mhò a ghabhadh e dhe na taingeannan, is ann bu mhò a gheibheadh e dhiubh. Mu dheireadh thall, an uair a bha ’n gobha buileach glan air a shàruchadh leis na taingeannan, bhuail e anns a’ cheann aige gu ’m bu chòir dha oidhirp a dheanamh air stad a chur orra. Latha dhe na laithean thug e an coileach do ’n cheardaich, agus cheangail e air teaghair bhig e thall anns a’ chùil anns an robh am balg-séididh. A h-uile fear a thigeadh do ’n cheardaich, agus nach tugadh tuarasdal a b’ fhearr do ’n ghobha na taing, theireadh an gobha, “Thoir sin do ’n choileach ud thall.” Ann am beagan laithean fhuair an coileach bàs. Aon uair ’s gu ’n d’ fhuair an coileach bàs, theireadh an gobha ris a h-uile fear a thigeadh a dh’ iarraidh air obair a dheanamh dha, agus aig nach biodh pàigheadh ’na laimh no creideas math air a chùl, “Cha ghabh mi taing uatsa no o neach eile; mharbh na taingeannan an coileach orm; agus an rud a mharbh an coileach, faodar a bhith cinnteach nach cum e beò mi fhein, ’s a’ bhean, ’s a’ chlann.” Sin agadsa mar a thainig na taingeannan gu bhith fo ’n ainm, “An rud a mharbh coileach a’ ghobha.” Tha mise cinnteach gu ’n tugadh iadsan nach do phaigh taingeannan gu leòr dhut. Nan gabhadh do sheirbhisich fhein taing uat an àite tuarasdail, dh’ fhaodadh tusa taing a ghabhail o do luchd-gabhail. Gabhaidh Dia taing uainn ma bheir sinn dha i le ar n-uile chridhe; ach cha phàigh na taingeannan na fiachan a th’ aig daoine oirnn idir; nam pàigheadh, cha ruigeadh duine sam bith a leas a bhith ann am fiachan A nis, a charaide, gabh usa mo chomhairle-sa, agus na toir paipear a dh’ fhear sam bith ach fear a phàigheas e. Na biodh cuid no gnothuch agad ris an rud a mharbh coileach a ghobha—na taingeannan. Cha ’n eil mise ag radh gu ’m faigh thu taingeannan fhein air son a’ phaipear. Chi sinn an dràsta ’s a rithist cunntas mu “Iadsan a phàigh.” Tha làn àm agad cunntas a thoirt do d’ luchd-leughaidh mu thimchioll “Iadsan nach do phàigh.” Tòisich aig an fheaghainn a’s fhaide a th’ ann am fiachan. Cha ’n ’eil mise ’faicinn aobhar sam bith air a bhith ’cumail an ainmeannan an cleith. Cha ’n ’eil cleith air an olc ach gun a dheanamh. An uine gun bhith fada cluinnidh tu uam. Is mi do charaide, an là a chi ’s nach fhaic, BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, Là fheill Micheil, 1898. FAILTE DO ’N “MHAC-TALLA.” Ceud mìle furain agus failt’ Air a’ MHAC-TALLA, ceann an àigh! ’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fàs O bhliadhn’ gu bliadhn’ An gliocas, tuigse, tùr is ceill; An eòlas air gach nì fo ’n ghréin; Am meas, an cliù ’s am mòran spéis, An ear ’s an iar. Le aogasg fallain ’s coltas treun; Le laoidhean, òrain ’s iomadh sgeul, An cànain mhilis, bhlasd’ nan treun A bh’ ann o chian; Gu riaghailteach, o àm gu àm Do m’ ionnsuidh thig e ’na chruaidh dheann An so, an dùthaich àrd nam beann An nall o ’n iar. Gur caomh leam guth a bheòil gach uair; Mar cheòl ro bhinn tha e do m’ chluais; ’S ged bhithinn acrach, sgìth is fuar, ’N uair ’chluinn mi ’ghuth, Thig aoidh is aiteas air mo ghnùis; Bidh m’ inntinn làn le uaill ’s le mùirn; ’S mo chridhe leumaidh suas le sunnd, Mar iasg ’s an t-sruth. Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghréin A’s mò do ’n tug mi ’thlachd ’s a’ spéis; ’S a bhuadhan cò ni chur an geill Le peann ’s le guth? An t-àrmunn maiseach, uasal grinn, A choisinn cliù le luaths a phinn Am measg an t-sluaigh air feadh gach tìr ’S an cluinnteadh ’ghuth. Gu dìleas, duineil mar bu dual Do shliochd nan treun a choisinn buaidh, Air taobh na Gàilig sheas e suas; ’S a chaoidh nan cian Bidh iomradh air mar dhuine treun Air feadh gach cearn dhe ’n chruinne-ché, Am measg nan saoi ’s nan sàr gu léir, ’S nan àrmunn fial. Mo mhìle beannachd aig an dream A tha ’toirt aoidheachd dha gach àm, ’S a phàigh an dollair, ’s nach robh mall, An àm an fheum’: Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sàr, A choisinn cliu is buaidh ’s na blàir, A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath ’S gach àit’ fo ’n ghrein. Bidh buaidh is piseach air an cinn; Bidh cliù orra o linn gu linn, Aig àrd luchd foghlum ’s aig na suinn ’Tha cumail suas Na cànain aosd’ a bh’ aig na bàird, A sheinn mu threubhantas nan sàr, Bu gharg a sheasadh anns na blàir, ’S a bheireadh buaidh. Ach sibhse ’mhuinntir nach do phàigh, Cha ’n fhaigh sibh meas no cliù gu bràth O neach sam bith, ’s gu là bhur bàis, ’S ann ’gheibh sibh beum; A chionn nach tug sibh mar bu chòir, A dhligheadh fhein do ’n àrmunn òg, A tha gu faoilidh, foinnidh, fòil ’Toirt dhuibh gach sgeul. Ged ’thachradh sibh rium air an t-sràid, Cha chuirinn furain oirbh no failt’, ’S cha mhòr gu ’n aidichinn gu bràth Gur Gàidheil sibh; Oir threig sibh gnàths nan daoine còir’, Bhiodh fialaidh, aoidheil aig a’ bhord, ’S a phàigheadh fiachan ann an òr Le gean ’s le sìth. BODACHAN A’ GHARAIDH. LITIR A NEW ZEALAND. Tha mi nise fada gun sgriobhadh ugaibh. Chuala sibh o charaid gu ’n do bhuaileadh le tinneas mi, agus gu ’n do bhrist a’ bhean caol a dùirn. Bha sin mar sin, ach bha e air innse beagan na bu mhiosa na bha e; tha e nàdurra do sgeul a dhol am meud mar a’s fhaide ruitheas i o bheul gu beul. Bha sin dona gu leòr, ach thainig cruadal na bu mhotha oirnn ann am bàs ar mic a b’ òige. Thachair sin air a cheathramh latha de ’n iuchar. Bha e ’na ghille calma, tapaidh, ach b’i toil a Chruithear a thoirt air falbh. Cha ’n eil dol air ais o’n bhàs ge b’e uair no àm a thig e. Tha mi fhéin beagan na ’s fhearr; a’ togail beagan neirt gach latha. Cha ’n eil tinneas sam bith orm ach am pairileis anns an làimh ’s anns a’ chois chli; tha mi slàn, fallain anns gach dòigh eile. Tha an lamh dheas agam cho suidhichte ’sa bha i riamh; cha ’n eil crith innte idir; chuirinn galan treacle sios amhach pige gun boinne dhòrtadh, air latha fuar geamhraidh, agus tha fios gle mhath aig an fheadhainn a tha creic rud milis, cho doirbh ’sa tha sin a dheanamh. Tha e toirt toileachadh mor dhomh a bhi sgriobhadh uagaibh. Tha mi mar gu ’m bithinn a faicinn nan càirdean timchioll orm mu ’n d’ fhàg mi St. Ann’s, ’nuair a bhios mi ’g innse do ’n MHAC-TALLA sgeul iongantach air na Maories agus nithean eile tha ’san dùthaich so. Bha an litir so air bhloigh sgriobhaidh mu Nollaig s’a chaidh, agus leis a h-uile trioblaid a thainig orm uaithe sin, cha do chuir mi crioch oirre. Tha [TD 90] [Vol. 7. No. 12. p. 2] mi nise dol a sgriobhadh beagan mu choille na dùthcha so, agus mu chaochladh nithean eile. Tòisichidh mi aig a’ choille. A’ CHOILLE. Tha fhios agaibh gu bheil a choille anns an dùthaich so gorm a h-uile latha deug ’sa bliadhna; tha an duilleach a tuiteam air son sin, agus tha a bliadhna fada gus iad sin a dheanamh. Cha ’n eil cnocan no tòrran aig bun nan craobh mar a tha ann an America,—ullachadh nàdurra air son na freumhan a chumail on reothadh.—Cha ’n eil an dùthaich so ’ga iarraidh. Tha an talamh réidh, agus lan fhreumhach, beag agus mor, a’ sineadh air uachdar. Cha ’n eil e cho fior fhurasda coiseachd air na freumhan so ’sa tha e am measg nan cnoc, ged a ni iad sin gu tric do chasan a chur os do cheann. Cha ’n abair sinn “fiodh cruaidh” no “fiodh bog” anns an dùthaich so, mar a theirear an America; ged tha craobhan coltach ris na craobhan cruaidhe ann, seòrsa nach dean feum sam bith ach air son connaidh, is fiodh bog iad. Agus am fiodh a ghabhas cur gu feum, mar a tha ’n giuthas, tha e air a chùnntas mar fhiodh cruaidh. Tha àireamh chraobhan ann air am bheil an spréidh gle mheasail, gu h-àraidh a chraobh Karaka. Tha an duilleag aice so coltach ri laurel. Tha craobhan eile a dh’ itheas iad ma bhios iad acrach; tha duilleach nan craobh sin gle dheiseil air son a bhi biathadh dhamh obrach. Tha a’ choille lan de lusan, fionanan agus preasan. Tha aon fhionan ris an abrar Supple Jack, a fàs mar chuilc, agus tha e direadh gu bàrr nan craobh. Tha e caol, mu mheud leth-òirlich. Tha e neo-chumanta pailt, agus tha e ’na éiginn mhor coiseachd troimhe. Tha seòrs’ eile a’ fàs anns na preasan, ris an abair iad an Constable; tha e caol, meanbh, agus làn de bhioran beaga, agus ma thachras dhut suathadh ann cha ’n eil e furasda faighinn cuibhteas e. Tha seòrs’ eile a’ fàs na thomannan ris an canar an Cutting Grass; tha oirean geura air, agus mur bi neach faicilleach, theid a ghearradh gu dona. Bidh duine aineolach buailteach air breith air le laimh, ach duine ni sin aon uair, cha dean e rithist e. Tha fionan eile tha fàs an crochadh ri craobhan; tha e caol, meanbh, agus tioram, cruaidh; gle mhath air son leapa. ’Se bhios luchd na coille a cur am feum. Le plaide chur air uachdar nì e leabaidh a bhios gle shocair. Tha àireamh de dh’ fhionanan eile a tha garbh, agus a leantuinn ris na craobhan mar na buill ri croinn soithich. Tha aon dhiubh, an Rata, a tha leantuinn ri craoibh gus an ruig e a bàrr, a faighinn taic o na meanglain, agus a dol troimh ’n chnotal ’s troimh ’n chòinntich gu bàrr na craoibhe; ’s beag an susbuinn a tha dhith air. ’N uair a ruigeas e a cheann-uidhe, tha e ’fàs làidir agus a deanamh greim air a chraoibh a thog suas e, agus ri ùine tha e ’fàs cho mor ’s cho làidir ’s gu ’m marbh e a chraobh a rinn altrum ’na òige. Fàsaidh an Rata ’na chraoibh mhóir. Tha fiodh gle mhath innte, ach tha e doirbh dad a dheanamh dheth leis cho lùbach, cam ’sa tha e ’fàs. Tha craobh coltach ris an Rata, an Pohutukawa, a fas am measg nan creagan ri taobh na mara. Tha duilleach agus blàth na craoibhe so coltach ri duilleach agus blàth an Rata. Sgriobh mi mu ’n chraoìbh so ann an cuid de na litrichean a sgriobh mi roimhe so. Tha aon ni ’ga taobh a tha gle iongantach, ’se sin an doigh air am faigh i beathachadh ’nuair a tha i fàs air talamh a bhios cruaidh, clachach. Chunnaic mi te a fàs air mullach creige, mu fhichead troigh a dh’ àirde. Bha an talamh cruaidh, tioram air an taobh a b’ àirde de ’n chreig air an robh i ’fàs. Ach shin i a freumhan gus an d’ ràinig iad an talamh aig bun na creige—talamh a bha math agus as an d’ fhuair iad susbuinn gu leòr. Bha na freumhan air mullach na creige a dol am meud ’s an neart mar a bha iad a gabhail greim air an talamh gu h-iseal, agus mu dheireadh thog iad a chraobh buileach glan os cionn an àite air ’n do dh’ fhàs i an toiseach. Sgriobh mi beagan roimhe mu ’n Ti Tree, no mar a theirear rithe gu ceart, Manuka. Tha i fàs ann an talamh creadha, a tigh’nn a mach mar fhochann, agus a fàs gu bras; an ceann fhichead bliadhna bidh i mor gu leor air son connadh a dheanamh dhith. ’Nuair tha na craobhan so beag, tha iad a fàs cho dlùth ’sa sheasas iad; agus air dhaibh tigh’nn gu beagan meudachd, coltach ris gach ni eile, tha an te a’s làidire a’ faotainn làmh-an-uachdar air an té a’s laige. Tha a chraobh so gu math direach, mu throigh troimpe, agus tha am fiodh cruaidh agus furasda sgealbadh. Bidh na tuathanaich a cur an fhiodha so gu feum ann an deanamh challaidean. Mairìdh callaid de Mhanuka ùine mhor. Tha am Pariri gu tric ri fhaotainn còmhla ris a Mhanuka; bithear a’ deanamh phost dhi, agus maidean air son bunaitean thaighean. Cha ’n eil feum seileir oirnn gu tric anns an dùthaich so. Tha am fiodh so neo-chumanta buan anns an talamh. Tha i ’na craoibh bhriagha, mu thri troighean troimpe, le geugan farsuinn, dubharach. Tha i lan de bhiastan, (cnuimheagan) a tha mu leth-òirleach a ghairbhead, agus cha ’n eil fhios ’am de cho fad. Bidh na Maories ag ithe nan cnuimheagan so; ni iad an gearradh ’nam mirean beaga, ’san ceangal air sreing ’nan lùban beaga coltach ri griogagan. Theid an sin an ceangal cuideachd ’s an crochadh ri maide beag ’san dathadh air an teine, ’s an sin tha iad air an deasachadh air son an ithe. Chunna mi daoine geala ’g an gabhail, ach cha robh an t-acras gu leor orm fhéin air son blasad orra. Tha fiodh na craoibhe so air a mhilleadh leis na tuill a tha na cnuimheagan a deanamh innte, air chor ’s nach eil e freagarrach air son obair ghrinn sam bith; ach bithear mar a thubhairt mi, a’ deanamh phuist agus maidean thaighean dheth, agus mar an ceudna tarsunnanan air son an rathaid-iaruinn. Tha e ’na fhiodh cruaidh, dubh, agus theid e fodha anns an uisge mar chloich. Tha na h-uile fiodh a tha ’n so trom. Cha shnàmh a h-aon dhiubh ach an Kauri. Sgoiltidh a chraobh Manuka ’na ceathrannan; ach a h-uile seòrs eile, bithear ’gan sgoilteadh o’n cùl ’nan clàir air son tubhadh thaighean, gun sgian no locair a chur orra. Tha Mika, no pailm New Zealand, a fàs anns a choille, fad agus farsuinn. Tha na geugan mu ochd troighean a dh’ fhad, agus tha iad gle mhath air son fasgadh o’n uisge. Tha iad cuideachd deiseil do luchd tomhais fearainn agus dhaibhsan a tha ’g obair anns a choille. Bha a cheud fheadhainn a thainig do ’n dùthaich a tubhadh nan taighean le geugan na craoibhe so. Tha mu shia seòrsa giuthais againn. Tha cuid dhiubh a tha gle choltach ris an spruis; aithnichear e leis na cnothan biorach a tha fàs air air son gleidheadh an fhrais. Tha craobh ris an canar Totara car coltach ri hemlock, agus tha am fiodh air a chur gus an fheum cheudna. Tha ì air a cur gu feum gu h-àraidh ann am puist laimhrigean; cha ’n eil biastan na mara cho trom air ’sa tha iad air seòrsachan eile, agus mar sin tha e glé bhuan. Thatar ’ga chur gu feum ann an iomadh obair eile. Sgoiltidh e glé mhath, agus tha e gu math aotrom ’nuair tha e sean. Tha ’n Rimu agus an Kahikatea nan craobhan mora, fada. Cha ’n eil moran feuma annta, ach gu ’m bithear ’g an sabhadh air son bhòrd. ’Se ’n Kahikatea, a bhithear a cur anns na soithichean ime; cuiridh gach seòrsa fiodh eile blas air an im. Cha’n eil feum sam bith anns am Matai, Meara agus Tanaki. Tha fiodh a Mhatai agus a Rimu gle thric air a chur gu feum ann an airneis agus obair an taobh a stigh taighe. An Kauri: ged tha cinn bhiorach air na craobhan so mar a th’ air a ghiubhas, tha an duilleach coltach ri duilleach chraobhan eile. Thatar ag obair air na craobhan so; ’s dòcha an ceann fichead bliadhna gur h-e glé bheag dhiubh a bhios air am fàgail. Tha am fiodh gle làidir, agus ma ’s math mo bheachd, tha e coltach ris a bheithe bhuidhe. Tha e dona gu crupadh anns gach dòigh. Chunna mi maidean (air an sàbhadh) a chrup còrr us òirleach nan cinn. Tha moran tuilleadh ri innse mu ’n Kauri; ’s dòcha aig àm eile gu ’n tog mi ris, ma chumas mo shlainte rium. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, N. Z. 18mh là de ’n Liunasdal, 1898. DUGHALL AGUS CONA. Am fleasgach àluinn, Dughall! Co e, agus c’ aite am bheil e ’gabhail comhnuidh? Is e fein an laoch gaisgeil, fiosrach! An robh e air bord an aon long cogaidh le Sampson ann an Cuba? Cha ghabhainn iongantas air bith ged a bha e ann an Cuebec aig fleagh nan sonn maille ris an Ridir Laurier, agus daoine uasal, morail eile cosmhuil ri Dughall fein. Ma bha Dughall ann am broilleach nan daoine mora aig cuirm Cuebeic, ma dh’ fhaoidte gu robh seanachas de ’n t-seorsa so eadar an Ridir foghainteach agus e fein: “Am bheil thu ann a Dhughaill? An e so Dughall, am balach coir, maith? Nach mi fein a tha toilichte d’ fhaicinn aig a’ chuirm, far am bheil mi fein ann an uidheam ghreadhnach, mar cheann luchd-riaghlaidh Chanada. Creid mise ’Dhughaill, gu bheil meas mor agam ort; agus tha mi ’toirt ughdarras duit, a nis agus ann do bhois, air gach giomach, ’us gabhar, ’us muc mhara ’tha ann am Bagh Shidni no anns a’ choimhearsnachd ud. Dean thusa, fhir mo chridhe, Dhughaill, buachailleachd mhaith ri taobh na fairge, ’s togadh mise thu bho àm gu h-àm, gu h-inbhe ’s airde, gus fadheoidh an toir mi duit aite ann an Seanadh Ottabha.” “A Ridir’ eireachdail,” arsa Dughall, “cha robh ceann-riaghlaidh co maiseach ruibh ann an Canada, on bha m’ athair ’n a bhalach. B’e sin an latha grianach, agus latha ’n aigh, a dhealraich air Canada, an latha anns do shuidh sibhse, ’Ridir, air chliabh fharsuing an stiuir na dùthcha.” Far am faicear cruth meamnach Dhughaill, agus far an cluinnear a’ ghuth glan, fuaimneach, thugadh gach duine ’s bean fainear nach labhair iad facal an aghaidh Laurier, am fear-riaghlaidh mor-chuiseach, oir tha e fada air thoiseach air Uilleam Pitt, agus air Bismarc, ’us Palmerston, ’us Disraeli, ’s Gladstone. Ach tha eagal orm nach leugh Dughall Gaidhlig, agus nach tuig e Gaidhlig ’n uair a chluinneas e i. Dughall bochd! thug e brigh chearr as mo litrichean, oir is ann mo dheibhinn buill phàrlamaid gu coitchionn, a sgriobh mi. Thubhairt mi gur gnath leo ’bhi ’g am moladh fein gu fuasach, ged is e daoine dichiollach Chanada ’tha a’ toirt na dùthcha air a h-aghaidh ann am beartas. An cuala Dughall bochd riamh gu buin Laurier do ’n chuideachd a rinn aramach ann an 1837, an aghaidh crùn Bhreatuinn ann an Canada iochdrach agus uachdrach? An d’ innis neach air bith riamh do Dhughall—oir a reir coslais tha e fathast ’s a’ sgoil—gu do chuir Laurier agus a chompanaich, Blaic ’us Mac Coinnich, gach ceap-tuislidh a bha ’n an comas ann an slighe an Ridir Iain Mac Dhomhnuill, am feadh a bha e le eud ’us gliocas àluinn, a’ cur an rathaid iaruinn ann an uidheam eadar an cuain a tha faisge air Sidni ’s an cuain a tha air taobh thall mor-roinn America. Is abhaist le Laurier [TD 91] [Vol. 7. No. 12. p. 3] a bhi ’moladh an rathaid so, ged nach bitheadh an rathad gu brath ann nam faigheadh Laurier agus a chuideachd an toil fein. An do leugh Dughall bochd riamh gu tubhairt Laurier, am feadh a bha aramach ann an iar-thuath Chanada, gu cuireadh e fein an gunna thar a ghuailne, nam bitheadh e dluth orrasan a rinn an t-aramach, agus gu deanamh e comhnadh ’us gaisge leo. Tha mi ’saoilsinn gur e sgoilear òg gun mhoran tapaidh a tha an Dughall bochd. Oir mur ’eil m’ amharus ceart, c’arson a thug e seadh cearr as na briathran a sgriobh mi mu dheibhinn Iarla Abaireadhain. Mhol mi gu tur e fein agus a Bhan-Iarla. Cha chuala mi riamh gu d’ rinn Tearlach Tuppair oidheirp air an Ridir Iain Mac Dhomhnuill a chur as aite. Is e Gaidheal beag, bochd a tha ’n Dughall, oir bhitheadh e toilichte gu bheil Tuppair ’na shean aois, laidir, fallain. An cuala Dughall iomradh air an doigh air an do chuir an Seanadh ann an Ottabha crioch air an rathad iaruinn a bha ’dol a dh’ fhosgladh suas Chlondaic? An d’ fhuair e fios air bith mu rathad iaruinn Dhruimein? A bheil e ’faicinn paipeir naigheachd air bith? Ma tha, chi e gu bheil cuig no sè muillion dollar air an cur cheana le Laurier agus a luchd-riaghlaidh ri cosdas Chanada. B’ abhaist da fein ’s da chompanaich a bhi ’glaodhach a mach gu robh cosdas na dùthcha uamhasach, agus gu tugadh iadsan a nuas e gu mor, nam faigheadh iad stiuir Chanada ’n an lamhan. B’ fhearr gu cuireadh MAC-TALLA fios air Dughall, a chum eolas a thabhairt do ’n duine bhochd air nithean mu ’n dùthaich air am bheil e gu soilleir ain-eolach. Mo bheannachd le Dughall, an t-òganach gleusda. Tha mi ann an dochas gu ruig e Seanadh Ottabha, agus gu bi daoine an ear ’s an iar ag radh: “An aithne thu Dughall àluinn, seanair lurach Ottabha?” CONA. SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. II. An uair a chual’ am breitheamh an aidmheil a rinn an duine thimchioll mar a chuir e an t-amadan crotach gu bas, thuirt e, “Leigibh as an Criosduidh sin, agus crochaibh an duine eile ’na aite, o’n a tha e fhein ag aideachadh gu saor, soilleir gur e a rinn am mort.” Rinneadh mar a dh’ aithn e, agus leigeadh am marsanta Criosduidh mar sgaoil. An uair a chuireadh tobha na croiche m’ a amhaich an fhir eile, chualas an doctair Iudhach a’ tighinn ’na dheannaibh, agus e glaodhaich ris a’ chrochadair dail a dheanamh. An uair a rainig e bonn na croiche, thuirt e ris a’ bhreitheamh, “Mo thighearna, cha’n ’eil an duine so a tha sibh a’ dol a chrochadh ciontach idir. Tha chionta gu leir ’na laidhe aig mo dhorus-sa. An raoir, thainig firionnach is boirionnach, air nach ’eil eolas sam bith agam, thun an doruis, agus duine tinn aca eatorra. Chaidh an t-searbhanta anns an dorcha a dh’ fhosgladh an doruis dhaibh, agus shin iad bonn airgid dhi gus a thoirt dhomhsa, agus thuirt iad rithe, gu’m bu mhath leotha mise dhol sios gus an duine tinn ’fhaicinn. An uair a thill i suas leis an teachdaireachd so g’ am ionnsuidh, thug iad an duine tinn gu barr na staidhreach, agus dh’fhalbh iad. Chaidh mise sios gun fheitheamh gus an tugadh an t-searbhanta solus dhomh, agus anns an dorcha thuit dhomh mo chas a bhualadh anns an duine thinn, agus chaidh e car ma char leis an staidhre, agus an uair a fhuair mi solus ’s a chunnaic mi e, bha e marbh. Thog mi fhein ’s mo bhean leinn e, agus leig sinn sios le rop e do’n t-seomar aig ar dluth-choimhearsnach, fear-solair an righ, a tha sibh a nis a’ dol a chur gu bas ’s e neo-chiontach. An uair a chunnaic am fear-solair anns an t-seomar e, shaoil leis gur e meirleach a bh’ ann; agus an deigh dha gabhail air gu math le bata, shaoil leis gur e fhein a mharbh e. Ach cha b’e. Faodaidh sibh an aidmheil a tha mi deanamh a lan-chreidsinn. Is mise a rinn am mort; agus ged nach b’ ann le mo thoil a rinn mi e, tha mi suidhichte gu’m fuiling mi am bas air a shon, oir cha bu mhath leam gu’m biodh bas dithis air agradh orm. Thainig mi gus beatha fir-solair an righ a shabhaladh o’n a tha mi lan-chinnteach gu’m bheil e neo-chiontach. Tha mi guidhe ort, air an aobhar sin, gu’n leig thu as e, agus gu’n cuir thu mise gu bas ’na aite o’n is mi tha ciontach.” O’n a fhuair am breitheamh lan-chinnt gu’n robh fear-solair an righ neo-chiontach, agus gur e an doctair Iudhach a bha ciontach, dh’ ordaich e am fear-solair a leigeadh mar sgaoil, agus an doctair a chrochadh ’na aite. An uair a chuireadh tobha na croiche m’a amhaich an doctair, co thigeadh ’na chruaidh-leum a steach am measg na cuideachd ach an taillear, agus e’ glaodhaich aird a chlaiginn ris a’ chrochadair e chur stad air a laimh gus am bruidhneadh e ris, agus gus an deanadh e aidmheil fhollaiseach an lathair a’ bhreithimh. “Mo thighearna,” ars’ esan, “cha mhor nach do chuir thu triuir dhaoine neo-chiontach gu bas. Ach ma dh’ eisdeas tu riumsa le foighidin, innsidh mi dhut co’ mhort an t-amadan crotach. Ma dh’fheumar duine a chur gu bas air a shon, is mise an duine. Feasgar an de, an uair a bha mi ’g obair anns a’ bhuthaidh, agus mi gle chridheil, sunndach, thainig an t-amadan crotach gu dorus na buthadh, agus e air leith-iomall na daoraich. Shuidh e aig an dorus mu ’m choinneamh, agus thoisich e ri cluich air inneal-ciuil, agus ri gabhail oran. Dh’ iarr mi air a dhol thun an taighe, agus dh’ aontaich e falbh comhladh rium. Shuidh sinn aig ar suipear, agus thug mi dha iasg. Ach an uair a bha e ’g itheadh an eisg, stad cnaimh ’na amhaich; agus ged a rinn mi fhein ’s a’ bhean na b’ urrainn sinn gus fuasgladh a thoirt dha, dh’ eug e ann an uine ghoirid. Chuir a bhas dragh mor oirnn; agus air eagal gu’n rachadh ar cur an sas air a shon, thug sinn leinn e gu taigh an doctair, agus bhuail sinn aig an dorus. An uair a thainig an t-searbhanta dh’ fhosgladh an doruis, thuirt mi rithe i ghrad thilleadh suas far an robh am maighstir, agus iarraidh air e thighinn a nuas gun dail a dh’ fhaicinn an duine thinn, agus gus misneach a thoirt dha, thug mi bonn airgid dhi gus i g’a thoirt do’n doctair. An uair a thill i suas thog mi fhein ’s a’ bhean an t-amadan crotach gu barr na staidhreach, agus dh’ fhag sinn an sin e, agus thug sinn ar casan as dhachaidh. An uair a thainig an doctair gu barr na staidhreach bhuail a chas anns a chorp, agus thuit e car ma char leis an staidhre. Agus mar sin shaoil leis gur e fhein a mharbh e. A nis, o’n a tha ’chuis mar so, leigibh as an doctair, agus cuiribh mise gu bas ’na aite.” Ghabh am breitheamh agus a’ mhor-chuideachd a bh’ anns’ an eisdeachd ioghnadh anabarrach mu na nithean a chual iad mu thimchioll bas an amadain chrotaich. “Leigeibh as an doctair Iudhach, agus crochaibh an taillear, o’n a tha e ’g aideachadh gur e fhein a tha ciontach. Is gnothach neo-chumanta a tha ’n so, agus b’ fhiach e a sgriobhadh ann an litrichean oir,” ars’ am breitheamh. Am feadh ’s a bha ’n crochadair a’ deanamh deas gus an taillear a chrochadh, bha toil aig an righ spors ’fhaotainn o’n amadan chrotach mar bu ghnath leis, agus dh’ fheoraich e c’aite an robh e. Dh’ innis fear dhe na h-oifigich dha gu’n do ghabh e an daorach am feasgar roimhe sid, gu’m facas a falbh feadh a’ bhaile e, agus gu’n d’ fhuaras marbh anns a’ mhadainn e. “Thugadh duine an lathair a’ bhreithimh air an robh iad a’ fagail gur e a mhort e,” ars’ esan, “agus an uair a bha iad a’ dol ’g a chrochadh, thainig fear eile an lathair a thuirt gur e fhein a mharbh e. Thainig an dara fear ’s an treas fear, agus thuirt iad a’ cheart ni; agus tha ’n ceathramh fear a dh’ aidich gur e fhein a mharbh e a nis gu bhith air a chrochadh.” An uair a chual’ an righ mar a bha, ghrad chuir e teachdaire far an robh am breitheamh, agus thuirt e ris, “Thoir ’n am lathair-sa na daoine sin gu leir a tha ’g radh gur iad a mharbh an t-amadan, agus thoir corp an amadain ’n am lathair mar an ceudna, a chum gu’m faic mi e aon uair eile.” Ghrad dh’ fhalbh an t-oifigeach agus rainig e aite ’bhreitheanais direach an uair a bha iad a’ dol a chrochadh an taillear. Ghlaodh e ris a’ chrochadair e dheanamh stad gus am bruidhneadh e ris. Dh’ aithnich an crochadair an t-oifigeach, agus an uair a chuala e ordugh an righ, leig e as an taillear. Chaidh am breitheamh direach gu ruige luchairt an righ, agus thug e leis an taillear, an doctair Iudhach, am marsanta Criosduidh, am fear-solair, agus thug e air a’ cheathrar aca corp am amadain chrotaich a ghiulan leotha. An uair a thainig iad an lathair an righ, thilg am breitheamh e fhein sios aig a chasan, agus dh’ innis e dha gach ni a b’ fhiosrach e mu thimchioll mar a chaidh an t-amadan crotach a chur gu bas. Chuir an naigheachd a leithid a dh’ ioghnadh air an righ ’s gu’n d’ thug e fa near a sgriobhadh sios gu curamach. An sin labhair e ris na bha ’n lathair, agus thuirt e, “An cuala sibh riamh ni cho iongantach ri mar a thachair air shaillibh an amadain chrotaich?” An sin leig am marsanta Criosduidh e fhein ’na shineadh air beulaobh an righ, agus an uair a bhean e do’n talamh le clar ’aodainn, thuirt e, “A righ chumhachdaich, chuala mise naigheachd a tha moran na’s iongantaiche na’n naigheachd air am bheil sibh a’ bruidhinn, agus ma cheadaicheas sibh dhomh, innsidh mi dhuibh i. Cuiridh i ioghnadh mor air gach neach.” “Tha mi ’toirt cead dhut a h-innseadh,” ars’ an righ. Thoisich am marsanta ri innseadh na naigheachd mar a leanas: “Le’r cead, a righ, mu’n toisich mi ri innseadh na naigheachd, bu mhiann leam innseadh dhuibh an toiseach nach b’ anns an rioghachd agaibh a rugadh mi idir. Is coigreach mi a rugadh ann an Cairo, ceanna bhaile na h-Eiphit. A thaobh cinnich, is Cobhtach mi, agus tha mi dhe ’n chreidimh Chriosduidh. Bha m’ athar ’na fhear-gnothaich, agus rinn e cuid mhath airgid. Aig am a bhais dh’ fhag e a chuid dhe’n t-saoghal agamsa. Lean mise air an obair a bh’ aig m’ athair. Agus air latha araidh an uair a bha mi aig an taigh-osda feitheamh ri marsantan-grain ris an robh gnothach agam, thainig duine og, maiseach, ann an eideadh riomhach, far an robh mi, agus e marcachd air aiseil. Chuir e failte orm, agus chuir mi failte air. An sin thug e lamh air pocan beag anns an robh gran aige, agus dh’ fheoraich e dhiom ciod a gheibheadh e air a’ bhuiseal dheth. Thuirt mi ris gu’m b’ fhiach an seorsa grain a bh’ aige ceud peighinn am buiseal. “B’fhearr leam,” ars’ esan, “gu’m faigheadh tu marsanta a ghabhadh an gran uam aig a’ phris sin, agus a thigeadh am maireach a ghabhail libhrigidh as aig an taigh-osda anns am bheil mi fuireach.” An uair a thuirt e so, dh’ fhag e am pocan grain agam, agus dh’fhalbh e. Nochd mi an gran do chaochladh mharsantan, agus thuirt iad rium gu’n gabhadh iad uam uiread ’s a bheirinn dhaibh dheth air son ceud is deich peighinnean de bhuannachd agam as a’ h-uile buiseal. Thug so toileachadh mor dhomh, agus ghrad dh’fhalbh mi far an robh (Air a leantuinn air taobh 94.) [TD 92] [Vol. 7. No. 12. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth, ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .50 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 14, 1898. THA troimhe-chéile nach beag anns an Fhraing a thaobh Dhreyfuis; tha an Riaghladh teagmhach a thaobh ciod is còir a dheanamh. Tha an sluagh nan roinnean air a thaobh ’s ’na aghaidh, agus gu tric a sabaid ri chéile air sràidean Pharis. Tha e gle dhoirbh a radh ciod a dh’ fhaodas tachairt. O CHIONN da sheachdain air ais, chaochail Louise, Ban-righ Denmark. Bha i ’na boirionnach air an robh meas mor air feadh na Roinn Eòrpa, agus a bha làn thoillteannach air. Bha i ann an iomadh dòigh coltach ri Ban-Impire Austria, a bha air a mort o chionn dha no tri sheachdainean. Is nighean dhi Ban-phrionnsa Wales, a dh’ fhaodas a bhi fhathast ’na Banrigh’n os ar cinn fhéin, agus a tha a cheart cho measail air son a gliocais ’s air son a h-irioslachd ’sa bha a màthair. CHA ’N urrainn dhuinn fhathast innse gu ceart cia meud bhòt a bha air a thoirt seachad air son no an aghaidh bacadh a chur air an stuth làidir. Tha a sgeul fhéin aig gach paipear a chi sinn, agus tha ’n àireamh a bha bharrachd air son bacaidh air a chur sios leotha o sheachd mile gu seachd mile fichead. Tha e mar sin soilleir nach eil an cùntas ceart aig neach sam bith fhathast, gu bheil na paipearan ann an tomhas mor a labhairt air thuaimse, agus gu bheil moran dhiubh a cur na h-àireamh mar a dhùraichdeadh iad fhéin i bhith. Ach tha e cinnteach gu ’n deachaidh na h-uile Roinn ann an Canada gu làidir air son bacaidh ach Cuebec, agus gu ’n deachaidh Cuebec gu làidir ’na aghaidh. THA sgeul air tighinn as a’ Ghaidhealtachd a tha nochdadh gu bheil anns an dùthaich sin fhathast daoine nach caomhainn am beatha fhéin ann a feuchainn ri muinntir eile shabhaladh. Bha, aon latha o chionn ghoirid, sgioba dhaoine ag obair air an rathad-iaruinn aig àite ris an canar Altnadreac, faisg air baile Inbhirnis, ’nuair a chual’ iad na carbaid a tighinn. Bha bocsa mor lan uidheaman tarsuinn air an rathad, agus dh’ fheuch ochdnar dhaoine ri thoirt dheth. ’N uair a bha na carbaid gu bhi aca, theich iad uile ach aon fhear, Iain Mac Gille-mhoire, duine mor, làidir, a lean air gleachd ris a bhocsa gus an d’ fhuair e chur bhar an rathad; ach mu ’n d’ fhuair e-fhéin a dhol a thaobh, rug na carbaid air, agus bha e air a ghearradh as a chéile. Bha taobh an rathaid gle chas, agus na ’n robh na carbaid air bualadh anns a bhocsa, bhiodh na ficheadan air am marbhadh. CUEBEC. THA ’m baile mor, ainmeil so, lan de fharum ’us de fhleadhas aig an àm so. Tha cuirm nan sonn ’us nan corn gle chumanta ann an daighneach laidir Chanada an diugh. Tha soithichean àluinn cogaidh anns an acarsaid; tha uachdarain ’us daoine mora Chanada anns a’ bhaile; ’us tha cuideachd uasal, fhoghluimte cruinn arson cuisean cudthromach a reiteachadh eadar Canada agus na Stàidean. Tha luchd-dreuchd comasach a tabhairt an aire ’s fhearr a tha ’n an comas, do cheistean a tha ’togail connsachaidh eadar sinn fein agus na Stàidean. Is iomadh coinneamh de ’n t-seorsa so a bha riamh eadar an da dhùthaich. B’ àbhaist do na Stàidean agus d’ an luchd-comhairle anns na bliadhnachan a dh’ fhalbh, a’ chuid a’ b’ fhearr fhaotainn. Tha luchd-comhairle nan Stàidean daonnan carach, cuilbheartach; agus, mo thruaighe! thug iad buaidh mhuladach gle thric air na daoine simplidh, onorach a roghnuich Breatunn arson ceistean fearainn ’us chriochan a’ chur ceart. Nam bitheadh gliocas ’us tapadh iomchuidh aig cairdean Chanada, bhitheamaid an diugh ann an sealbh air Minnesota agus air na Stàidean mu thuath, agus cha bhitheadh an rathad a tha ’cur dealachaidh eadar Maine agus Canada co cam, lubagach ’s a tha e. Tha e soilleir gu leoir gu do shoirbhich leothasan a bha ’seasamh ann an ainm ’s ann an aite nan Stàidean, anns an dian oidheirp a rinn iad arson Canada ’chumail bho shlighe dhireach a bhi aice troimh a tir fein a dh’ ionnsuidh an Atlantic—an cuan farsuing, eitidh ’tha ’luasgadh a thonnan garbh eadar i fein agus Breatunn ’us an Roinn-Eòrpa. Ann an 1871, bha cruinneachadh ann an Uashington, de luchd-dreuchd ainmeil bho Bhreatunn fein agus bho na Stàidean. Bha ’n ridir tapaidh, geur-inntinneach Iain Mac Dhomhnuill aig a choinneamh so as leth Chanada, ’us le ughdarras bho ’n Bhan-righ. Mar tha eachdraidh a bheatha, a sgriobh Maighstir Pope, a’ dearbhadh, bha Mac Dhomhnuill air a sharuchadh gu goirt, do bhrigh gu robh na daoine ’chur Gladstone ’nall, co mall, neo-dhuineil, agus co toileach air gach ni ’s coir a bhuineadh do Bhreatuinn ’us do Chanada ’thabhairt seachad do na Stàidean gun luach, gun bhuidheachas, gun duais iomchuidh air bith. B’ fhearr an Ridir Mac Dhomhnuill leis fein na na ceithir daoine uasal ’chuir Breatunn a nall, oir cha d’ thug iad moran gaisge neo misnich leo. Mur d’ fhuair Breatunn agus Canada an ceartas a bu choir doibh ’fhaotainn, cha ’n ’eil coire r’a chur air Mac Dhomhnuill. Cha d’ innis e ach smior na firinn an uair thubhairt e ri caraid dileas ann an Lunnainn: “Abair thusa ri Iarla Ghranvaill ma bhitheas aimhreit air bith aig Breatunn leis na Stàidean ’na dheigh so, mise agus mise leam fein a chur do Uashington, arson crioch a chur air an aimhreit, agus sith ’us seasgaireachd aisig air an ais.” Is e ’m Morair Herschell, dnine cliuiteach a tha ’sealbhachadh aite measail am measg luchd-lagha Bhreatuinn, a tha ’na cheann-suidhe air a’ choinneamh urramach ann an Cuebec. Tha tri de luchd-riaghlaidh Chanada ann an Ottabha anns a’ choinneamh so. Tha an àireamh cheudna de dhaoine ainmeil nan Stàidean anns a’ choinneamh. Cha ’n àbhaist do dhaoine de ’n t-seorsa so iad fein a sharachadh aig àm air bith, le bhi ’deanamh saoithreach chruaidh a dh’ oidhche ’s a latha. Tha iomradh gu bheil na daoine ionnsuichte ’s urramach a bhuineas do ’n choinneamh so, ’dol a dh’ fhagail Cuebec, agus a’ dol a chur crich air an obair ann an Uashington. Tha iad ag radh gu bheil aoidheachd Cuebeic co anabarrach faoilidh ’s nach ’eil cothrom ceart aca air na ceistean a chnuasachadh a tha ’tighinn f’ an comhair. Rinn luchd-riaghlaidh nan Stàidean cabhag mhor bho chionn beagan uine, ann an airgiod nan ròn a phàigheadh do Chanada ’s a h-iasgairean. Tha iomradh a nis gu bheil na Stàidean a’ dol a cheannach na soithichean a bhuineas do iasgairean nan ròn ann an Columbia. Tha iad a’ creidsinn gu faigh na Stàidean air an doigh so, sealbh gu buileach doibh fein, air Caoil Bhehring; agus nach bi cead no comas aig Breatunn no aig rioghachd air bith eile, ròn a mharbhadh no soitheach a sheoladh anns na caoil ud. Is e fairge leathunn a tha anns na caoil; agus, air an aobhar so, cha bhi e gu brath comasach a reir lagh nan rioghachdan, Caoil Bhehring a dhruideadh an aghaidh rioghachd air bith, aig am bi iarrtus a soithichean a sheoladh annta. Ma dh’ fhaoidte gu teid aig na daoine ’tha aig an coinneamh ard so, air cordadh a dheanamh mu ’n chrioch a tha eadar Alasca agus Canada ann an airde na h-Iar-thuath. Gheibhear mar so, comas air a’ chuan shamhach a ruigheachd, ann an slighe dhireach bho Chlondaic. Tha e gle iongantach gu d’ fhuair Ruisia, o cheann deich ’us tri fichead bliadhna, greim ’us coir air crioman fearainn ri taobh a’ chuain agus air beul-thaobh Chanada. Tha, a reir coslais, an da dhùthaich toileach air leiginn do na reachdan a tha aig na rathaidean iaruinn, fantuinn mar tha iad, eadar Canada ’s na Stàidean. Bithidh iomradh gun teagamh air laghannan an iasgach, agus bithidh na Stàidean mar a bha iad riamh: deonach gu faigheadh iad tuille saorsa ann an ionadan iasgaich Chanada. Seasaidh Canada gu dùineil, dalma as leth a coirean fein. Rinn cumhnant 1854, maith mor do Chanada. Is e mo bheachd fein, nach dean a’ choinneamh so atharrachadh mor air bith air a chordadh ’s air na laghannan a tha cheana eadar sinn fein agus na Stàidean. Tha balla ard, tiugh a’ cuairteachadh nan Stàidean air gach taobh, agus a tha ’cumail a mach gach malairt ’us gach innleachd a thig bho rioghachdan eile. Cha toir na Stàidean a nuas am balla ard a thog iad, agus faodaidh Canada a bhi ri feadalach arson cothrom aigh air bith ’fhaotainn trid am faod i a crodh ’s a caoraich, a h-eich ’s a h-arbhar a thabhairt a stigh do na Stàidean gun chis throm. Ach ni an coinneamh so maith mor, ma thogas e cairdeas a’s modha, agus ma chuireas e crioch gu brath air gach farmaid ’us cainnt amaideach, agus bagradh paisdeil a b’ abhaist a bhi anns na Stàidean a thaobh Bhreatunn agus Canada. CONA. [TD 93] [Vol. 7. No. 12. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh dithis gillean òga, aois choig bliadhn’ deug, a chur an greim ann a Halifacs air an t-seachdain s’a chaidh air son bathar a ghoid a bùth ceannaìche. Chaidh tigh ’na theine ann an St. Charles, N. B., air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha Martin Daigle, aois cheithir fichead bliadhna ’sa coig, agus ogha dha air an losgadh gu bàs. Cha robh anns an ogha ach pàisde. Shil a cheud fhras shneachda an fhoghar so, oidhche na Sàbaid s’a chaidh. Shil frasan dheth a rithist Di-luain, agus bha an t-side fad latha no dha fuar, greannach gu leòr. Tha an geamhradh a tighinn gun teagamh sam bith. Chaidh tigh Dhùghaill Mhic Phàrlain, am Bràigh Mhargaree, a losgadh gu h-iomlan maille ris gach ni a bha ann, air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh dolair de dh’airgead-urais air, agus tha e ’na chall mor do’n duine mu’n am so dhe’n bhliadhna. Thainig fios á China air an t-seachdain so ag radh nach robh an t-Impire air a mhort idir, ach a mhàin air a chur bha na cathrach. Tha a mhàthair a nise a riaghladh; a reir coltais ’si ’n duine ’s fhearr dhe’n dithis, ach cha chòrd i ri luchd-riaghlaidh Bhreatunn cho math ri ’mac; tha taobh na’s motha aice ri Ruisia. Chaidh soitheach a ghlacadh ann an Souris, E. P. I., toiseach na seachdain s’a chaidh, air amhrus gu robh i a’ cumail an cuid o luchd na cusbuinn. Fhuaireadh da cheud galan de dh’ uigse-beatha anns a choille faisg air an àite ’san d’thainig i gu tir. Thatar a deanamh a mach gu’m bu stuth làidir a luchd gu h-iomlan. Chaidh da fhear-deasaichaidh ann an St. John’s Newfoundland, a chur do’n phriosan o chionn ghoirid, ’s tha iad ri bhi ann fad dheich latha fichead, air son iad a bhi di-moladh mam breitheamhan anns na paipearan. Cha d’ rinneadh a leithid sin de bhinn a thoirt a mach air duine ann an Newfoundland o chionn corr us fichead bliadhna. Chaidh ciste bheag air a ceangal gu teann le iaruinn fhaotainn ann an cearna de Stàit Maine, o chionn ghoirid, le Eadailteach a bha ’g obair air an rathad iaruinn. Thatar ag radh gu robh mu fhiach ceithir mile dolair de dh’ òr anns a chiste, ach cha ’n eil fios ceart air sin fhathast, oir dh’ fhalbh an t-Eadailteach leatha cho luath ’sa fhuair e i, agus cha do thill e fhathast. Cha robh Riaghladh nan Stàitean ach gle fhad air ais ann an cumail bidh ri ’n cuid shaighdearan ann an Cuba ’s am Porto Rico. Cha ’n eil teagamh nach d’ fhuair barrachd dhiubh bàs leis an acras ’s le droch aire na fhuair bàs aig làmhan nan Spainnteach. De na saighdearan a tha ann am Porto Rico an dràsda, tha an deicheamh cuid dhiubh ’nan laidhe tinn anns na taighean-eiridinn, agus thatar ag radh gu bheil iad an earbsa ris an Red Cross Society air son an cuid bidh. Cha d’ rinneadh de dh’ airgead air an exhibition ann a Halifacs air an turus so na phàigh an cosdus—chaidh e mu dheich mile dolair anns na fiachan, agus bidh aig muinntir na roinne air fad ri sin a dheanamh suas. Cha’n eil e idir ceart gu’m biodh exhibition Nobha Scotia air a chumail o bhliadhna gu bliadhna ann a’ Halifacs. Tha bailtean eile a tha pàigheadh an cuid fhéin de’n chosdus a cheart cho math ri Halifacs do ’m bu chòir cothrom a thoirt uair no uair-eigin; ach a reir coltais cha’n eil iad a dol ’ga fhaighinn. ’S ann a tha e fàs coltach gu bheil an luchd-riaghlaidh dhe’n bharail gu’n deachaidh an dùthaich gu h-iomlan a chruthachadh air son beòlaind a chumail ri muinntir Halifacs. Tha cuid de na h-Innseanaich ann am Minnesota air bristeadh a mach an ceannairc an aghaidh nan Stàitean, agus bha blàr air a chur eadar iad fhein ’s na saighdearan Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh àireamh a mharbhadh air gach taobh. Thatar a’ cur coire na ceannaire air Innseanach d’ an ainm Bog ah Mah Ceshing, ach ’s e ’s dòcha gu faodar beagan dhi a chur air cuid de na daoine geala cuideachd. Cha’n eil muinntir nan Stàitean ro ainmeil air son a bhi deiligeadh gu bàigheil, ceart ri nàisinnich America, agus faodaidh e bhith gu bheil barrachd aobhair aig treubhan Minnesota a bhi ’g ar-a-mach na tha air innse dhuinne. Tha dochas nach mair an aimhreit ach ùine ghoirid, ach nach bi an còrr fala air a dòrtadh. Tha rionnach gu math pailt aig an àm so mu Cheap Nòr us Aspy Bay. Tha an t-iasg sin a fuireach mu na cladaichean na’s fhaide na b’àbhaist dha blisdhnaichean roimhe so. Bha còrr us ceithir fichead soitheach a stigh ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Bu shoithichean iasgaich Geancach a chuid bu mhotha dhiubh. A bharrachd orra sin bha àireamh de shoithichean guail a stigh. Tha ceannaichean Halifacs a creic neart bidh us bathair ann an Cuba o’n sguir an cogadh. Ma bha an cogadh ’na chall dhaibh roimhe, tha e ’na chuideachadh dhaibh a nise. ’S math nach olc gach ni a thig an lorg còmhstri dhe’n t-seòrs’ ud. Bha sabaid eadar saighdearan dubha agus geala ann an Alabama Di-mairt s’a chaidh, anns an deachaidh aon duine a mharbhadh, agus còignear a leòn. Tha na daoine dubha ’s geala anns na Stàitean a deas cheart cho naimhdeil ri chéile ’sa tha iad ris na Spàinntich. Tha am Marion air sgur a ruith gu Mulgrave; cha’n eil i an deigh so gu bhi dol ach gu Baddeck ’s gu Hogomah. Tha an t-side an deigh so buailteach air a bhi stoirmeil, agus cha’n eil ach àireamh gle bheag a bhiodh air son an turus a gabhail air bàta mu’n àm so dhe’n bhliadhna ’nuair a gheibh iad ann air dòigh eile. Tha teachdairean o na Stàitean ’s o’n Spàinn aig an àm so cruinn ann am Paris, a’ feuchainn ri sith a dheanamh eadar an da dhùthaich. Cha’n eil moran ri chluinntinn fhathast mu na tha dol air adhart, ach tha’n cothrom aig na Stàitean, agus gu’n teagamh bidh na cumhachan a nithean a reir mar a dh’iarras a cuid theachdairean. Chaidh Aonghas Mac Leòid, duin’ òg a mhuinntir na Méinne Tuatha, a mharbhadh ann an Nanaimo, B. C., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair ann an mèinn ghuail, agus thuit meall mor a bha e ’gearradh air a mhuin, ’ga mharbhadh air ball. Dh’fhàg e bean agus triuir chloinne ann an Nanaimo. Cha’n ’eil ach mu dheich miosan on chaidh e mach do’n àite sin. Thainig maor á St. John’s, Newfoundland, a la roimhe gu Sidni Tuath an toir air fear an robh àmhrus a bhith bristeadh air lagh na cusbuinn. Rinn a greim air an duine, ach an deigh sin chaidh e-fhéin a chur an sàs airson ni-eigin a bha mi-laghail mu’n ghlacadh. Tha am maor a nise anns a phriosan ann an Sidni Tuath, ’s tha am fear a thainig e ghlacadh air a chur air ais gu bhi air a phriosanachadh ann an St. John’s. Thainig cearc-thomain bheò a stigh do’n bhaile aon fheasgar air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha i car greise air spiris air posta mu choinneamh na stòir aig C. P. Moore, fear am facas i le àireamh mhath de mhuinntir a bhaile. Cha’n eil fhios co dh’ innis dhi mu’n lagh ùr rinneadh air an earrach s’a chaidh, ach bha choltas oirre nach robh i fo chùram sam bith gu’n toirt e ionnsuidh air a beatha. Bha Innseanach a chunnaic i ag radh gu robh e ’na dhroch comharradh cearc-thomain fhaicinn anns a bhaile; gu feumadh gu robh droch rud air choireigin a dol a thachairt ann. IADSAN A’ PHAIGH. Iain Domhnullach, Framboise. Iain D. Mathanach, St. Peters’. S. D. Domhnullach, Acarsaid Mhargaree. M. I Mac-Ille-mhaoil, Cul Cobh a Bheabheir. Gilleasbuig Peutan, Cùl Shiudaig Bheag. Aonghais Mac Aonghais, Lewis Bay. Mrs. D. Nic Fhionghain, Port Morien. Iain Mac Gill-fhihnein, Port Morien. D. M. Caimbeul, Beinn nan Caimbeulach. Ailein I. Gillios, S. W. Margaree. Domhnull D Mac Leoid, Framboise. Aonghas N. Mac Amhlaidh, New Boston. Iain Mac Neill, Baoghasdal. Eos. A. Mac Neill, Glengarry Valley. Alasdair Mac Gille-ghlais, Coldstream, Ont. Seònaid Ros, Cul Bhagh Bhaddeck. BAS. Aig Gleann Comhann, am Mabou, air a cheithreamh latha de’n mhios so, Dughall Domhnullach, Mac Alasdair mhoir ’ic Aonghuis ’ic Alasdair. B’e fear de na daoine b’fhearr agus bu mheasaile bha ann a Siorramachd Inbhernis; thainig ’athair a sheanair agus a shinn-seanair a bràigh Lochabar anns a bhliadhna 1816. Bha e féin ’s na daoine bho’n d’thàinig e ro ainmeil ann an coltas, ann an onair, agus ann an treuantas. Dh’fhag e bean, màthair, triùir bhraithrean agus àireamh pheathraichean. Gu’m b’ann an sith a bhios anam. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 94] [Vol. 7. No. 12. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 91.) e. An uair a rainig mi, thug e dh’ amharc a’ ghrain mi. Bha ceud gu leith buiseil aige anns an taigh-stoir. Thug mi leam e gun dail, agus reic mi ris na marsantan e air son coig mile peighinn. “Buinidh coig ceud peighinn dhut fhein,” ars’ an duine og, “agus cumaidh tu an t-airgiod a gheibh thu o na marsantan agad gus an iarr mi ort e, oir cha’n ’eil feum sam bith agamsa air an drasda.” Thug mi taing dha air son a chaoimhneis, agus na h-earbsa ’bha e ’cur annam ged nach fhaca mi riamh roimhe e, agus thuirt mi ris, gu’m biodh an t-airgiod agam deiseil dha uair sam bith a bhiodh feum aige air. An ceann mhios thainig e dh’ iarraidh an airgid orm. Bha e’ marcachd air aiseal agus dh’ iarr mi air tighinn air lar agus biadh a ghabhail comhladh rium, agus an sinn gu’n tugainn dha an t-airgiod. “Cha tig mi air lar an drasta idir,” ars esan, “oir tha mi ann an cabhaig. Tha gnothach sonraichte agam ri dheanamh anns a’ bhaile, agus cha ’n urrainn domh dail a dheanamh. Ach tillidh mi an rathad so, agus biodh an t-airgiod agadsa deiseil air mo choinneamh.” An uair a thuirt e so dh’ fhalbh e, agus ged a bha duil agam ris a h-uile latha, chaidh corr is mios seachad mu ’m faic mi rithist e. Arsa mise rium fhein, “Tha’n duine og so a’ cur earbsa mhor annam an uair a tha e ’fagail suim cho mor ann am lamhan, agus gun eolas sam bith aige orm, Is iomadh fear air am biodh eagal gu’n teichinn leis an airgiod.” Mu dheireadh thainig e, agus e marcachd air aiseal mar a bha e roimhe; ach thug mi an aire gu’n robh an t-aodach a bhi air moran na bu riomhaiche na’n t-aodach a bha air a’ cheud latha ’chunnaic mi e. Dh’ iarr mi air tighinn air lar, agus dh’ fhaighneachd mi dheth an tugadh e leis an t-airgiod. Thainig fiamh gaire air a ghnuis, agus thuirt e, “Cha’n ’eil cabhag sam bith orm. Tha’n t-airgiod ann an lamhan sabhailte gu leor. Thig mi g’ a iarraidh an uair a theirgeas na bheil agam. Slan leat, is docha gu’n tig mi mu dheireadh na seachdain.” Bhuail e ’chuip gu math air an aiseal, agus dh’ fhalbh e. “Ma ta,” arsa mise rium fhein, “tha thu ’g radh gu’n tig thu mu dheireadh na seachdain, ach is docha leamsa gu’m bi iomadh latha mu’n tig thu. Cuiridh mise an t airgiod gu feum, agus ni mi buannachd mhath leis.” (Ri leantuinn.) Bha ministeir an Glascho, a bha glé dhian an aghaidh an òil, a’ teagasg la bho ’n dara caibideil de Lucas, mu bhreith an t-Slànuighear. ’Nuair a rainig e na focail ud, “do burigh nach robh aite dhaibh ’s an tigh-òsda,” thubhairt e, “Mo chairdean, tha mi ’m barail gu bheil an t-aite cho gann Dha-san anns an tigh cheudna an diugh, ’s a bha e ’n oidhche ’thainig E dha ’n t-saoghal.” IAIN BEAG MAC-AINDREA. (A CUAIRTEAN NAN GLEANN.) Tha brìgh an iomraidh so air aithris gu neo-theagmhach le daoinibh measail agus creideasach, tha ’g ràdh gu’n robh Iain Mac-Aindrea, o cheann sèa-fichead bliadhna, ’tàmh an Dail-na-h-Aitnich, an sgìre Gleann-Ceatharnaich, ann an Srathspé;—duineachan beag suarach ’na choltas air gach dòigh—na bu choltaiche ’bhi air ’fhàgail aig a’ bhaile ’n cois nam mart agus nan laogh, na bhi dol leis a’ choisridh do’n bhlàr. Gidheadh, ’na chom bha cridh’ an laoich, air a bhrosnachadh le spiorad na gaisge; agus fear-bogha na b’ealanta ’n àm tarruing gu comh-strì, cha do tharruing saighead ri sreang. Tha gach euchd ghaisgeil a rinn e air an aithris le tuilleadh ioghnadh, ’nuair bheirear fainear cho tur neo-fhaicheil ’sa bha e. Tha e air a ràdh gu’n tilgeadh e dà-shaighead-dheug, agus gu’n sàthadh e an darna aon ann an earbull an aon eile. Thainig e aon là seachad air buidheann a bha ri gìomanachd ann an Srathéirinn. Dh’fheòraich cuid dhiubh ris a’ ghill bheag am feuchadh e ris an t-saighead, agus le beagan moit dh’ aontaich e. Bhuail e ’n toiseach faisg air meadhon na targaid, ach an dara uair chuir e gu dìreach ’na meadhon. Thòisich iad air ioghnadh ’ghabhail, agus air bhi ’ga mholadh; ach thubhairt e riu gu’n deanadh iad ni b’ fhearr na sin an Srathspé. Dh’ fhalbh e, agus shàth e slatag sheilich air tom, astar mhath air falbh. Thilg e, agus sgoilt e i leis a’ cheud saighead. Bha e na ro fhear aitreabh, agus cha b’ainmig leis ’bhi ris an obair sin ann an Srathéirinn. Aig aon àm a bha e ann ris a’ cheart obair sin aig Fear Choileachaidh, air feadh na h-oidhche thainig a’ chrois-tàraidh chum an tigh. B’e bha ’n so Ròsach Chillrethag, ’an Srathnathruinn, agus e air tòir na creiche ’thogadh uaithe le Fear Achluachrach, ’an Lochabar, agus e air shùrd pòsaidh. Dh’fhalbh Fear Choileachadh gu a chuideachd maille ri buidheann an Ròsaich, agus Iain Beag Mac-Aindrea mar aon de chàch. Bhuail iad air an aghaidh le sùrd agus faicill, gus an d’ràinig iad a’ Chrò-chlach, am bràigh Shrathéirinn. Chunnacas solus ann am bothan nan cìbeir. Ann an so bha Fear Achluachrach agus a bhuidheann, as déigh an suipeire, ’seanachas ri chéile, gun fhiamh gun eagal. Aig an àm so, bha Iain Mac-Aindrea air toiseach na buidhne. Shuidhich se e féin mu choinneamh doruis a’ bhothain. Bha’n oidhche fuasach dorch—nì ’thug fìor chothrom dhaibhsan a bha mach, ach a bha tur an aghaidh chàich, a bha air an leigeadh ris le solus a’ ghealabhain bha ac’ anns a’ bhothan. ’Nuair a dh’fhairich iad an tailmrich ’bha mach, b’ ann le spiorad na gaisge ’thriall gach fear chum an doruis, a thoirt coinneamh do luchd na tòrachd; ach cha d’ ràinig a h-aon diubh an stairsneach gun bhi air an leagadh nan tòrr air muin a chéile! Bha làmh Iain ’ic-Aindrea bitheanta ni’s leòir, agus a shùil an tòir air ceannard na buidhne. Air dhàsan ’bhi aithnichte, ’thaobh ’éididh, ’nuair chunnaic Iain e, chuir e saighead ’na uchd a cheangail e ris a’ phosd a bha air a chùlaobh! ’Nuair chunnaic Fear Choileachidh mar rinn e (theagamh chum fios ’thoirt do’n Ròsach mar thachair), ghlaodh e mach, “Buaidh ’s do thapadh leat, Iain ’ic-Aindrea, ’tha tàmh an Dail-na-h-Aitnich.” ’Nuair chuala Iain am miodal so aig àm cho mì-fhreagarrach (air dha ’thuigsinn, nan rachadh fear sam bith as, gu’n tugadh e ’aimn do Lochabar—nì a dh’ fhàgadh e buailteach do chunnart na dhéigh sin), fhreagair e Fear Choileachaidh ann am briathraibh nach furasda sgrìobhadh! Cha d’fhuair a h-aon as de na bha stigh; ach an gille maol dubh a thug fainear a’ chùis, bhris e mach air cùl a’ bhothan; agus, gu truagh do dh’ Iain Mac-Aindrea, thug am fear so an naigheachd agus ’ainm do Lochabar, mar am fear a fhuair urram saighdearachd. Agus bha ’bhuil; ’s gann gu’n d’ fhuair e là na oidhche sona na dhéigh. ’Nuair ràinig an sgeul so Lochabar, a bha cho chràidhteach do bhean-na-bainnse, cha d’fhois ’s cha do thàmh i gus an d’rainig i Chrò-chlach; agus tha ’cor, ’nuair ràinig i, ni’s usadh ’thuigsinn na ’chur an céill. Tha e air a ràdh gu’n d’fhuair i ’mhial-chu féin ag òl fola Fhir Achluachrach, agus, anns an teinn-chràdh anns an robh i, gu’n d’ thug i ’n cù na spathaltan as a chéile!! ’Nuair a sgaoil an naigheachd, bha càirdean nam fir a thuit air an gluasad le colg bhuarasach. Thrus iad orra, dà fhear dheug, agus ràinig iad tigh Iain ’ic-Aindrea. Bha Iain agus a bhean a stigh le chéile, agus thuig iad có bh’aca air ball. Dh’fhoinich na daoine ri bean-an-tighe ’m b’e so tigh Iain ’ic-Aindrea, agus c’àite an robh e féin. Thubhairt i gu misneachail gum b’e, agus nach robh e féin fad as. Dh’ iarr i orra suidh gus an tigeadh e. Cha do smuainich iad gum b’e bha na shuidh taobh an teallaich; oir ged a fhuair iad ’aimn ’sa shloinne, cha d’ fhuair iad a dhealbh ’sa chuma. Bha ’bhean ’san àm a’ fuineadh, agus thilg i mìr de’n aran air an fhear ’bha na shuidh taobh an teallaich; agus le bagairt coimheach, dh’iarr i air dol a shealltuinn nach robh an fheudail ri dolaidh sam bith; agus nam faiceadh e ’mhaighstir, fios a thoirt da gu’n robh daoin’-uaisle ’feitheamh air. Dh’fhalbh e le gearain, mar nach biodh e ro thoilichte ’dhol. Chaidh ise gu seòmar far an robh an balg-shaighead air a thasgaidh, agus chuir i sin a mach air uinneig ’ga ionnsuidh; agus ré na h-ùine so uile, cha do sguir i de chumail seanachais ris na coigrich, agus ’gam fritheal leis a’ bhiadhachd a b’ fhearr a bh’ aice. Dhìrich Iain am bruthach ’bha fa chomhar doruis a thighe. Chuir e dà shaighead dheug ann an rian freagarrach air an toran làmh ris, agus ghlaodh e, fear sam bith bha ’g iarraidh Iain Mhic-Aindrea, e ’bhi mach. B’ann an sin a bha ’chabhaig, gach fear a’ bualadh a mach chum ionnsuidh ’thoirt air Iain Mac-Aindrea; ach cha luaithe ’ràinig iad an dorus, na bha saighdean Iain ’gan comhlachadh, agus ’gan leagadh gu làthair. Cha deachaidh ’m fear mu dheireadh dhiubh fada o’n tigh ’nuair a thuit e, air chor ’s nach deachaidh a h-aon diùbh as a dh’innseadh an naigheachd ’san tir as an d’fhalbh iad! Na dhéigh so, bha Iain Mac-Aindrea fo fhiamh a latha ’sa dh’ oidhche. Cha robh e sàbhailte dha ’bhi oidhche ’na thigh féin, air chor ’s gum bu dùth dha gearain air an oidhche sin a luaidh Fear Choileachaidh air ’ainm e. Uime sin, bha leabaidh aige ann am bràigh craoibh ann an coille Uisge-thuilnean, ann an ionad ris an abrar Giubhas-na-h-uamha gus an là ’n diugh. Chuala iad mu’n leabaidh so ’n Lochabar, agus bha na h-Abraich gu tric ri fhaicinn air feadh na coille sin, chum a faghail a mach. Bha iad air uairibh a’ tachairt ri Iain féin; ach cha robh iad idir a’ samhlachadh gum b’e bhiodh ann—nì ’thug cothrom dha dhe ’n d’rinn e gu minic feum, air chor ’s nach do leig e aon de na chunnaic e riamh air ais. Am fear mu dheireadh a chunnaic e dhiù, bha e air feadh na coille gun duine leis. Dh’fheòraich am fear so dheth Iain (mar gum b’ann airson neònachais d’a féin) c’àit an robh an leabaidh-fhalaich aig Fear Dail-na-h-Aitnich. Fhreagair Iain gum feuchadh e sin da; agus ’nuair a chunnaic an t-Abrach an leabaidh, sheall e mu’n cuairt car tiota beag, ’s chuir e ’aghaidh air a dhùthaich féin, ach cha b’ fhada ’chaidh e ’nuair ’thug Iain tarruing air a bhogha, ’bha air a chleith fo ’bhreacan, agus leag e’m fear sin mar an ceudna, gun a leigeadh ni b’fhaide air a thurus. Cha’n eil cunntas air gach liutha fear a mharbh e ré ’bheatha, ach tha iomradh gur mòr a chuir e gun teagamh gu dìth; agus cha d’ thug duine riamh buaidh air féin, ged ’thàinig e gu bhi na sheann duine mu’n do chrìoch e. SPEACH. Lag na Crìche, Maigh, 1842. LITIR AGUS DUAN A’ DETROIT. FHIR DEASACHAIDH:—Mar a gheall mi ’sa litir mu dheireadh, tha mi a’ cur d’ur n-ionnsaidh ’san tè so, stampaichean air son paigheadh an airgead puist air na paipearan corra chur sibh da m’ ionnsaidh a’ là roimhe. Mu chreideas sibh mi, tha mi fada n’ur comain air son gu’n d’ rinn sibh sin. Tha mi cinnteach gu bheil pròis mhór oirbh air son gun d’fhuar na teetotalers buaidh ’san taghadh ’an Canada a là roimhe. Tha ’d ag ràdh nach dean e moran feum, bho nach gabh an luchd-riaghlaidh orra stad a chur air deanamh an uisge bheatha. Ach tha ’chùis a’ nochdadh gu bheil a chuid as mudha de’n t-sluagh air son gu’m bi an sluagh uile na’s fhear ’s na’s stuama na tha [TD 95] [Vol. 7. No. 12. p. 7] iad an dràsda. Cha’n ’eil mi a’ sgriobhadh na litir so air son a cur ’sa MHAC-TALLA; ach tha mi cur duan innte, agus ma chi sibh iomchuidh a chur ’sa phaipear bidh mise toilichte. Sgriobh mi an duan so air duileag bhàn ann an Dàna Oisein a chur mi gu bean uasal Ghaidhealach. Cha’n urrain mi tiotal no ainm fhaotainn da a thaitinneas rium; faodaidh sibhse ainm eile thoirt air ma thogras sibh. Agus m’a e ’s nach còrd e idir ribh cuiribh anns na lasraichean e. Tha mi deanamh cruinneachadh de na Ràdhean a tha “Caraid na Gaidhlig,” ag iarraidh, ach cha’n ’eil dùil agam ri duais air a shon. Cha’n ’eil leabhar Gàidhlig agam ach Oisein; ’sann a mo mheaghar a tha mi toirt nan ràdhean. Cuiridh mi air adhart na gheibh mi dhiubh. Nach toir sibh-sa comhairl air an duine chòir leabhar a chur a mach de na radhean a gheibh e? Gabhaibh mo leisgeil air son mo dhroch chùbadh. AN DA MHALAMHINA. Tha dà Mhalmhìna ann, Tà ’an Selma nam buadh; ’S thu fhéin ’tha tàmh an gleann, Penetangor nan stuadh. Bha Oisian caomh ’an dùil, Gu robh Mhalmhìna binn, Maraon air inneal chiùll, ’S le ’guth ’cur suas na fuinn. Nam biodh e beò an diugh, ’S an ’theireadh e leam féin; Gur tusa ’s binne guth, Na nighean Thoscair threun. Ma bha Malmhìna ciùin, Bha thusa seamh ’us stuaim; A’s fhada leam an ùin’, A tha thu fada bhuam. Cha robh an Selma riabh, Aon oigh ’an coimeas riut; Cho òr-bhuidh glan ’an ciabh, ’S cho ciatach riut a chruit. Theid “t-ainm a chur ’san dàn,” Dàn nach teid a dholaidh; ’N fhad ’sa bhios mise slàn, Bidh agad-sa fear molaidh. DONULL MAC LEOID. Buaidh na Pioba. Bha piobair uair a’ dol troimh choille mhoir, ùdlaidh, ’s ’n uair a thainig am feasgar, rinn e suidhe gu greim suipeir itheadh. Is gann a rinn e tòiseachadh, ’n uair a chruinnich treud de mhadaidh-allaidh acrach timchioll air. Gus e fhéin a dhion, thilg am piobair bochd mir is mir dhe bhiadh do na béisdean, gus mu dheireadh nach robh criomag aige gun ithe; ’s a dh’ aindeoin sin, ’s ann bu teinne dhlùthaich na madaidh-alluidh air. Bha e ’n impis dùil a thabhairt dhe ’bheatha, ’n uair thainig smuaintean comharraicht’ ’n a cheann. Ghlac e ’phiob, ’s thòisich e air seideadh suas. A cheud sgal a leig an dos mor, de rinn na madaidh-allaidh ach teicheadh ’n an deann, mar gu ’n robh iad air beucaich leomhainn a chluinntinn! ’N uair a chunnaic Domhnull a’ bhuaidh a bh’ aig a’ phiobh, ars esan, “M’ anam-sa, na ’m b’ fhios dhomh gu ’n còrdadh an ceòl cho math ribh, bhithinn air a thoirt dhuibh roimh ’n t-suipeir, ’s cha ’n ann air a deigh!” Adhaircean Fad’ air a Chrodh ’tha Fada Uainn. Bha Sasunnach aon uair a’ tabhairt aithris a measg cuideachd uasail ann an Inbhirnis, air na h-ioghnaidhean a chunnaic ’s a rinn e fhéin anns na h-Innsean, bho ’n d’ thainig e beagan roimhe sin. Thug e eachdraidh gu h-àraid air na “tigearan” mor air an do thachair e, ag radh gu ’n do mharbh e fear a bha corr is “da fhichead troidh air fad!” Thubhairt fear de na h-uaislean, nach robh teagamh air bith nach robh beathaichean anabarrach anns na dùthchannan thall, ach gu ’n robh mar an ceudna ann an Alba fhéin, ainmhidhean nach robh dad air dheireadh orra. Mar eisimpleir, dh’ innis e gu ’n do ghlacadh “scait” shuas ann an Gallthaobh, a bha “corr is leth-acair air leud!” Dh’ aithnich an Sasunnach gu ’m b’ ann a’ magadh air a bha ’n t-Albannach; ’s dh’ fhàg e chuideachd le moran feirg. Ann an uine ghoirid, chuir e caraid—mar a bha fasan an ama—a thoirt dùlain do ’n fhear eile, mur a toireadh e leth-sgeul airson na tàmailt a thug e dha. Fhreagair an t-Albannach gu socair, “Ma ta, ma bheir do charaid beagan throidhean de fhad a ‘thigear,’ chi sinn dé ’s urrainn dhuinn a dheanamh mu leud na ‘scait!’” Am bheil thu air son a’ Ghailig a chumail beò? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gailig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna. Bean fhada, chaol, dhireach, miann Dhònuill amadain. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Am Feillire. OCTOBER, 1898. 1 Di-satharna Blar na Leargainn, 1263. 2 DI-DONAICH 17mh Donaich na Trianaid. 3 Di-luain Blar Allt Chuailleachain,1594 4 Di-mairt 5 Di-ciaduin Blar Dhunchaillinn, 1315. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine 8 Di-satharna Losgadh Chicago, 1871. 9 DI-DONAICH 18mh Donaich na Trianaid. 10 Di-luain 11 Di-mairt Faotainn a mach America, 1492. 12 Di-ciaduin 13 Dior-daoin 14 Di-haoine Breith Uilleam Penn, 1644. 15 Di-satharna Breith Ailein Ramsay, 1686. 16 DI-DONAICH 19mh Donaich na Trianaid. 17 Di-luain Tuiteam Sebastopol, 1854. 18 Di-mairt 19 Di-ciaduin Bas Chandlis 1873. 20 Dior-daoin 21 Di-haoine Bas Raibeirt Ghordain, 1853. 22 Di-satharna 23 DI-DONAICH 20mh Donaich na Trianaid. 24 Di-luain Bas Dhaniel Webster, 1852. 25 Di-mairt 26 Di-ciaduin 27 Dior-daoin Breith Sheumais Mhic Mhuirich, 1736. 28 Di-haoine 29 Di-satharna Blàr Charrochaidh, 1562. 30 DI-DONAICH 21mh Donaich na Trianaid. 31 Di-luain Oidhche Shamhna. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 1, M. 51 M An Solus Ur, L. 15, U. 8, M. 23 M A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 4, M. 55 M An Solus Lan, L. 29, U. 8, M. 4 M DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 96] [Vol. 7. No. 12. p. 8] BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt R. Mac Neill, Sidni, C. B. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 97] [Vol. 7. No. 13. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 21, 1898. No. 13. LITIR A PROVIDENCE. Failte dhut a charaide MHIC-TALLA nan ard bhuadhaibh, Tha d’ onar air an talamh Ann an cantanas mo dhualchais; ’S iomadh iad ’s gach àit’ ’tha Guidhe slàinte ’s saoghal buan dhuit, Cha ’n aithne dhomh na ’s feàrr na thu Air airde bun a chluaiseadh. Nach moralach an sealladh e Bhi ’g amharc air an uasal A tearnadh bhoi an bheallach Leis an aimid air a ghuallain; A’ màl leis a chleas achlais A’ cur cagar thun na cluaise, ’S na meòirean anns a chromireachd A’ pronnadh a phuirt uaimhrich. Cha ’n iarrainn a bhi nàbachd fir Nach tigeadh blàths na ghhruaidhean, Ag éisdeachd ris an làn ghaisgeach Nach tugadh nàmhaid buaidh air Na éideadh cuimir Gàidhealach Bho ’shàilean thun a chluarain; ’S a mheoiribh a’ toirt conaltraidh Troi thollaibh a chrainn bhuadhaich. Tha mi faicinn an diùmhlaoich mar gu ’m bidh e dol a steach ann a’ meall ceò ’na thir dhùthchasaich, is e tearnadh a bheallaich. Cumaibh soilleir e; is maith is fiach e a chùram a ghabhail. ’S mor a mhaise a tha e a cuir air a MHAC-TALLA chòir, a tha tighinn thugainn gach seachain, leis gach conaltradh a’s taitniche, anns a chainnt a’s aosda ’s a’s blasda a ta air thalamh.— Cainnt mhireagach gu sùgradh i; Cainnt dhrùiteach air son cràbhaidh i; Cainnt fhosgara ri truaghan i; Cainnt bhuatharra ri nàmhaid i; Cainnt fharsuing, bhlasda, phùngara Ni lùbadh far an àill leatha; Cha ’n fhaod an Gall a h-amhlagadh ’S an geall a thu na Gàidheil di. Tha mi faicinn MAC-TALLA a gearain nach eil cuid de ’luchd-leughaidh a’ creidsinn Sgeulachdan nan Arabach. Mar a bheil, co nach eil coma! Tha ’Ghàilig air a mort leis an dream sin nach eil an timchioll-ghearradh ach an clàr an eudain; is e bhi tabhairt géill da ’n leithidibh sin a dh’ fhàg a Ghàilig cho gann na litreachas. Na ’n tugadh iadsan a tha a cur an aghaidh Sgeulachdan Arabia aire cheart do ’n leabhar naomha, cha bhiodh iad cho timchioll-ghearrte an clàr an eudain ’sa tha iad; ach theagamh nach creid iad an leabhar maith féin le barrachd creideamh. Ciod am fios a tha acasan ciod a bha dol air aghaidh an Arabia? Saoileam féin an creid iad gu ’n deanadh druidhean na h-Eiphit nathrichean de ’n slataibh; na gu ’n labhradh asal Balaam; na gu ’n togadh bean-shithe Samuel as an talamh? Na tabhair cluas da ’n cuid fuar-chràbhaidh, a shàr ghaisgeich! Thoir dhuinn garbh is meanbh mar a gheibh thu e. Leughadh iad sud an 8mh caibideil de Ghnath-fhocail Sholamh, is chi iad nach ann an cùil a tha gliocas ag eigheach, no tuigse a’ cur a mach a guth, ach ann an àitibh follaiseach. Bha na bailtibh air an cuartachadh le balla an laithibh Sholamh, is bha gach gliocas, lagh is sgeul air an cur an céill is air an innse ’sa gheata; cha ’n eil againn an àite sin a nise ach am paipear-naigheachd, ’s mur a bi ’n luchd-deasachaidh fearail, theid an saoghal air chaothach. Tha na Gaidheil bho thoiseach an t-saoghail air an cumail fodha le cion paipeir naigheachd; agus a nise ’nuair a fhuair iad aon—an ann da rireadh a dol a lagachadh lamhan aon a thug an oidheirp dhuineil a tha cuid dhiubh. “Na bi ro dhiadhaidh,” ’ars an searmonaiche. ’S e cion litreachais, agus gu sonruichte cion a phaipeir-naigheachd, a dh’ fhàg co tearc an àireamh, ’s cho eutrom ’san sporran na Gàidheil. Mur b’e MAC-TALLA cia mar a b’ aithne dhomh Iain Rothach, air Rudha Mharsdein; ’s Alasdair an Ridge, an àiteigin; ’s Iain Mac Gilleasbuig, ’s iomadh aon eile nach fhaca ’s nach faic mi sa chollain. Ach cha ’n eil anns a chollain ach ni a theid seachad, ach mairidh an inntinn gu sior; is mar sin tha ’n saoghal a faigheil eolais air a cheile a tha maireann leis a phaipeir naigheachd. AONGHAS MAC AOIDH. Providence, R. I. FACAL A COLUMBIA BHREATUNNACH. FHIR-DEASACHAIDH IONMUHINN:— Bu mhath leam facal no dha a chur gu MAC-TALLA as an àite so; agus ged ’tha mo litir fad air deireadh air mar bu mhath leam i bhi, tha mi ’n dùil gu ’n gabh na càirdean a leughas i a leithsgeul, a creidsinn gu ’m bu mhath leam i bhi taitneach ged nach comasach mi air a sgriobhadh mar sin. Tha ’Ghàidhlig gann ’san àite so; cha ’n fhaca mi MAC-TALLA bho chionn fada; agus tha e doirbh dhomh an litir so a chur an òrdugh mar bu mhiann leam, ach bheir mi oidheirp air mar is fhearr is urra mi. Tha mi an so air mo chuartachadh leis na Beanntaibh Creagach (Rocky Mountains) agus gu firinneach cha ’n fhar-ainm orra. Tha iad cho àrd agus corrach agus gu ’n saoileadh neach gu ’n tuiteadh iad a nuas air a mhuin. Is fhada bheireach neach a ruigheachd gu ’mullach. Tha ’n sneachda ri fhaicinn orra a h-uile latha ’sa bhliadhna. Tha ’n t-side gle bhlàth an so aig an àm so, ach tha i ghnath fallain. Tha dòighean neònach aig sluagh na dùthcha so. Tha moran dhiubh a còmhnuidh ann an taighean air an togail air ràthan móra air an uisge. Tha na ràthan so air an deanamh le mo dhusan na còrr de chraobhan móra seudair air an cur ri chéile gu làidir, ’san tigh air a thogail air a sin, agus nuair a bhios gaoth làidir ann, gheibh iad an tulgadh gu math. Tha na cuileagan mosach sin, na mosquitos, ro lionmhor ann, agus tha iad ro dhraghail dhaibh fein ’s do dhuine. Tha baile beag an sud ’s an so aig bruaich nan lochan, agus na creagan a bagradh tuiteam a nuas orra gach mionaid. Tha moran thighean-òsda anns gach baile, agus tha e soilleir mur biodh muinntir gan tathaich nach biodh iad ann. Is ainneamh am fear nach faod a radh, mar a thuirt a fear roimhe:— “’Se ’m botul dubh a leon mi ’Sa dh’ eutromaich mo phocaid, ’N uair rachainn dha ’n tigh-òsda Cha shòrainn na crùin.” Tha tuarasdal ni ’s àirde an so na tha e ’san taobh an ear; ach tha ’m bòrd ’s am biadh ’s gach ni eile cho daor, agus a cur na h-uile ni ri chéile cha bhi neach moran ni ’s fhaide air adhart na bhiodh e le fuireach an taobh an ear fhéin. Is iomadh rud a dh’ fheumas gille bochd cur suas leis an so, nach còrdadh ris idir aig an tigh; ach mar a thuirt am fear roimhe: “Cha dean gearan feum dhuinn, bho ’n thug sinn spéis dha ’n fhalbhan.” Tha mu dheich duine fichead ’sa champa ’sa bheil mi, agus ’s ann air an uisge tha e air acair. Gheibh sinn iasg ùr uair sam bi is miann leinn, gu ’n dragh sam bith ach dubhan a thilgeadh dh’ an uisge ’nar suidhe ’san dorus. An uair a bhios biadh no ni sam bith a dh’ éis anns a champa, thig bàta smùide a dh’ ionnsuidh an dorus leis. Chi sinn gu tric Innseanaich is sguathaichean le ’n cuid chanùaichean, a dol seachad oirnn, agus gu dearbh cha ’n ’eil an coltas ro chneasda, air an dath dearg, le falt fada anns nach deachaidh, tha mi ’n dùil, cir riamh. Tha ’m bata-smùide a dol mu ’n cuairt daonnan le bathar, ’s le daoine, ’s le litrichean. Ach ’nuair nach bi aice ach litrichean a mhain, thig iad dlùth do thir, agus is chunnaic mi iad a’ ceangal nan litrichean ri pios de mhaide na de dh’ iaruinn, agus ’gan tilgeadh gu tir; uair a ruigeadh iad agus uair nach ruigeadh, ’s mar sin tha gu leoir de litrichean a dol a dhith. Tha moran Albannaich a fuireach an so. Tha moran de Shinich ann mar a ceudna. An uair a bha mi air an rathad do ’n dùthaich so, bha moran de Ghàidheil á Glaschu agus mu ’n cuairt a tighinn an iar ’nam chuideachd. ’N am measg bha mnaithean is clann agus maighdeannan òga, dreachmhor; cha b’ iad bu chòir fhàgail air deireadh. ’S e ’n gruaidh a bha dearg, a dhuine. Na ’m b’ ann air mo thurus dhachaidh a bha mi, bha mi a smaointean gu ’n cuirinn impidh air té dhiubh dol maille rium. Tha mi ’n dùil gu bheil mo litir tuilleadh is fada, gun doigh. Ma chuireas sibh i ’nur paipear gasda bi mi fada ’nur comain; ’s faodaidh e bhi gun cluinn sibh uam uair eile.— “Beannachd bhuamsa gu m’ mhàthair, ’S gu té àrd na gruaige duinne; ’S ma [?] facal ud ro dhàna, Beannachd uam gu m’ chàirdean uile.” Buaidh is piseach air MAC-TALLA; ’s gu ma fada beò a Ghàidhlig. Is mi do charaid, an là a chi ’s nach fhaic, AN GILLE DUBH. Ogust 25, 1898. SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. III. Cha robh mi idir cearr ’nam bharail, oir chaidh corr is bliadhna seachad mu ’n thainig am marsant’ og a rithist far an robh mi. Mur robh an t-eideadh a bh’air na bu riomhaiche na b’abhaist dha, cha robh e dad air dheireadh. Ach thug mi an aire gu’n robh ni eiginn a’ cur dragh air an inntinn aige. Dh’fhaighneachd mi dheth an cuireadh e de dh’urram orm gu’n rachadh e do’n taigh maille rium. “Theid mi do’n taigh an drasta comhladh riut,” ars’ esan, “ach feumaidh tu ghealltainn dhomh nach cuir thu thu-fhein gu cosgais sam bith a bharrachd air mo shon-sa.” “Ni mi direach mar a tha thu ’g iarraidh orm,” arsa mise, “ach ni thusa de dh’ fhabhar riumsa gu’n tig thu air lar, agus gu’n teid thu steach do’n taigh comhladh rium.” Rinn e mar a dh’iarr mi air. Am feadh ’s a bha ’chuirm ’ga deasachadh, bha mi fhein ’s e fhein a’ comhradh mu thimchioll caochladh nithean. An [TD 98] [Vol. 7. No. 13. p. 2] uair a chuireadh am biadh air a’ bhord, shuidh sinn aige. Thug mi an aire gu’n do chuir e a’ cheud ghreim ’na bheul le a laimh chli. Chuir e so ioghnadh mor orm. Thuirt mi rium fhein, “Riamh o’n a chunnaic mi an duine og so, bha e ’ga ghluasad fhein gle mhodhail ’nam lathair. Am bheil e comasach gur ann gu tamailt a chur orm a tha e cur a bhidh thun a bheoil le ’laimh chli? Ciod a tha cearr air a laimh dheis an uair nach ’eil e ’ga cur a dh’ionnsuidh a bheoil?” An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail shuidh sinn taobh ri taobh air langsaid, agus thug mi dha rudan milis. Rug e orra le ’laimh chli. An sin thuirt mi ris, “Tha mi ’g iarraidh mathanais a chionn a bhi cho dana ort, ach tha toil agam ’fheorach dhiot c’ar son a tha thu ’cur a’ bhidh thun do bheoil le do laimh chli?” An aite mo fhreagairt is ann a tharruinn e osna throm. Thug e a lamh dheas am mach as an fhalach ’s an robh i aige, agus sheall e dhomh i. Ghabh mi ioghnadh mor an uair a chunnaic mi gu ’n robh ceann a laimhe ’ga dhith. “Gun teagamh sam bith bha annas ort,” ars’ esan, “an uair a chunnaic tu mise ’gabhail mo bhidh leis an laimh chli; ach faodaidh tu a nis a thuigsinn nach robh comas agam air.” “Am faod mi ’fheorach dhiot,” arsa mise, “ciod an sgiorrag leis an do chaill thu do lamh dheas?” An uair a chual’ e so thoisich e ri sileadh nan deur. An uair a bha e greis a’ sileadh nan deur thiormaich e ’shuilean, agus dh’innis e dhomh an sgeul a leanas;— Faodaidh mi innseadh dhut gur ann de muinntir Bhagdad a tha mi, agus gur e m’ athair duine cho measail agus cho beairteach ’s a bh’ ann an Bagdad gu leir. Mu’n gann a rainig mi aois fearachais thachair dhomh eolas a chur air luchd-turuis, agus dh’innis iad moran dhomh mu na nithean iongantach a bh ri’m faicinn anns an Eiphit, gu h-araidh ann an Cairo, ceanna-bhaile na h-Eiphit. Thug na dh’innis iad dhomh orm gu ’n robh iarrtus mor agam gu dhol a shiubhal an t-saoghail. Bha m’ athair beo anns an am, agus cha leigeadh e cead dhomh falbh taobh sam bith. Mu dheireadh dh’ eug e, agus o nach robh maighstir orm ach mi fhein, chuir mi romham gu’n rachainn air thurus gu ruige an Eiphit. Cheannaich mi moran bathair dhe gach seorsa bu luachmhoire na cheile ann am Bagdad, agus ann am Mosul agus ghabh mi mo thurus gu ruige ’n Eiphit. An uair a rainig mi Cairo, chaidh mi do’n taigh-osda a b’ ainmeile a bh’ anns a bhaile, agus an uair a fhuair mi buth mhor deiseil anns an cuirinn am bathar, chaidh mi do m’ sheomar gus mo sgios a chur seachad. Dh’ordaich mi do na seirbhisich biadh is deoch ’s gach ni eile air am biodh feum agam fhaotainn gun dail. An deigh dhomh mo bhiadh a gabhail dh’fhalbh mi air feadh a’ bhaile gus an caisteal, na h-eaglaisean, agus gach aitreamh bhriagh’ eile a bh’ anns a’ bhaile ’fhaicinn. An la-iar na-mhaireach chuir mi uman te dhe na deiseachan bu riomhaiche a bh’ agam, agus dh’ ordaich mi do na seirbhisich rud dhe’n bhathar bu luachmhoire ’bh’ agam a thoirt do dh’ aite ’mhargaidh far an robh mi fhin a’ dol. Cha bu luaithe a rainig mi na thainig aireamh mhor de mharsantan ’s de luchd-gnothaich, agus chaidh iad ’g an sealltainn do’n t-sluagh a bha anns a’ mhargadh. Ach cha do thairg a h-aon dhe na marsantan dhomh am faisge uiread air son a’ bhathair ’s a phaigh mi fhein air. Chuir so dragh air m’ inntinn. Agus an uair a chunnaic an luchd-gnothaich gu’n robh mi mi-thoilicht, thuirt iad rium. “Ma ghabhas tu ar comhairle-ne, innsidh sinn dhut doigh air an teid agad air a’ bhathar a reic gun challdachd sam bith fhulang.” An uair a thuirt iad so rium, dh’ fheoraich mi dhiubh ciod an doigh a chomhairlicheadh iad dhomh a ghabhail. “Roinn am bathar eadar caochladh marsantan,” ars’ iadsan, “agus reicidh iad dhut e. Paighidh iad dhut da uair ’s an t-seachdain air son na reiceas iad. Air an doigh so ni thu buannachd mar an ceudna. Agus cha bhi agad fhein ach a bhith ’cur seachad na h-uine air feadh a’ bhaile mar a chi thu iomchuidh.” Ghabh mi an comhairle, agus thug mi dh’ionnsuidh na buthadh iad. Thug mi am bathar gu leir do’n mhargadh, agus roinn mi e eadar na marsantan a b’earbsaiche a bh’ anns a’ bhaile. Thug iad dhomh bann-urrais air son a’ bhathair; agus gheall mi dhaibh nach iarrainn sgillinn phaighidh orra gu ceann mhios. Ged a fhuair mi am bathar bhar mo lamhan, cha b’ ann air toileachas-inntinn a bh’ m’ aire idir. Chuir mi eolas air caochladh dhaoine oga mar a bha mi fhein, agus bha sin a’ cur seachad na h-uine gu toilichte ann an cuideachd a cheile. An ceann mhios thoisich mi ri taghal air na marsanta da uair ’s an t-seachdain. Bha fear-gnothaich comhladh rinn a chum gu’m faiceadh e gu’m biodh na cunntasan air an deanamh suas gu h-ordail, ceart; agus gu’m faiceadh iad nach tugteadh dhomh airgiod-meallta. Mar so bha mi ’faotainn suim mhath airgid a h-uile latha paighidh. Air laithean eile bha mi ’cur seachad greis dhe’n uine ann an taighean nam marsantan, agus a’ gabhail beachd air gach ni a bhithinn a’ faicinn anns a’ bhail agus aig a’ mhargadh. Air latha araidh an uair a bha mi ’na’m shuidhe anns a’ bhuthaidh aig fear dhe na marsantan, thainig bean-uasal a steach do’n bhuthaidh, agus shuidh i air cathair dluth dhomh. Dh’ aithnicheadh neach sam bith air a coltas ’s air a gluasad gur e fior bhean-uasal a bh’innte. Bha i anabarrach maiseach anns gach doigh. Ghabh mi tlachd mor dhi, agus bha mi ’miannachadh gu laidir gu’m faighinn cothrom air eolas a chur oirre Cha’n eil fhios agam an d’ thug i an aire gu’n robh fior thoil agam a bhith ’beachdachadh oirre gu geur, agus cha mho tha fhios agam an robh e cordadh rithe mi bhith ’g a dheanamh so. Ach ge b’ e air bith a b’ aobhar dha, thug i an srol bhar a h-aghaidh car tiotaidh, agus ma thug, b’ e sin an aghaidh bu mhaisiche a chunnaic mo shuil riamh! Bha da shuil ghorm ’na h-aodann cho briagha ’s a b’ urrainn a bhith. Bha fuaim a gutha cho binn leam ris a’ cheol a’s binne a chuala mo chluas riamh. Bha i ’bruidhinn ris a’ mharsanta ann an doigh cho uasal ’s cho caoimhneil ’s gu’n tairneadh i aire duine sam bith ’g a h-ionnsuidh. Eadar a h-uile rud a bh’ann thuit mi ann an trom ghaol oirre. An deigh dhi greis a thoirt air comhradh ris a’ mharsanta mu thimchioll caochladh nithean, thuirt i ris gu’n d’ thainig i a cheannach pios dhe’n aodach a b’ fhearr a bh’aige anns a’ bhuthaidh. Sheall am marsanta dhi na seorsachan aodaich bu luachmhoire a bh’aige, agus an uair a roghnaich i fear dhiubh, agus a dh’fheoraich i mu’n phris, thuirt am marsanta rithe gu’m b’e phris aona ceud deug peighinn. “Tha mi deonach sin a thoirt dhut,” ars’ ise, “ach cha do thachair dhomh uiread sin a dh’ airgiod a thoirt leam o’n taigh. Tha mi’n dochas gu’n toir thu dhomh an t-aodach an diugh fhein, agus cuiridh mi na bheil a dhith orm dhe’n airgiod g’ ad ionnsuidh am maireach.” “Bheirinn dhut creideas gus am maireach le m’ uile chridhe na’m bu leam fhein an t-aodach,” ars’ am marsanta, “ach is ann leis an duine og a tha ’na shuidhe an sin a tha e, agus is ann an diugh fhein a tha sinn gu bhith ’deanamh cunntas, agus a reir a’ chordaidh a bh’ eadrainn, feumaidh mise na reiceas mi a phaigheadh an diugh.” “Nach ciatach mar a tha thu ’deanamh orm! Tha fhios agad gu’m bheil mi ’ceannach gu leor uat. Is iomadh uair a thug thu dhomh bathar air dail, agus tha fhios agad gu’n robh mi cur an airgid ugad air an ath latha,” ars’ ise. “Tha sin fior gu leor, ach an diugh fhein tha feum mor agam air an airgiod,” ars’ am marsanta. Thilg i an t-aodach g’ a ionnsuidh agus thuirt i, “sin agad do chuid fhein, agus cum agad e. Tha mi coma dhiot fhein ’s dhe gach fear eile dhe do sheorsa. Tha sibh uile coltach ri ’cheile; cha’n eil meas agaibh air neach sam bith.” An uair a thuirt i so, dh’ eirich i le corruich, agus thug i an dorus oirre. (Ri leantuinn.) Thatar a cur cruaidh ri luchd-reic stuth làidir aig an àm so. Bha sianar air am feuchainn anns a’ bhaile a sheachdain gus an dè, agus a triùir Di-luain s’a chaidh; chaidh an diteadh, agus chuireadh càin leth-cheud dolair an urra orra. BEAN-SHITH NA H-EIRINN. Ged a chaidh an t-àm seachad anns nach ’eil neach ri fhaotuinn ’san dùthaich so ’tha toirt creideas air bith do na seann sgeulachdan sin tha teachd a nuas d’ar n-ionnsuidh o na làithean a ’dhfhalbh mu thimchioll nan daoine beaga ’s na sìthichean, tha cuid de na sgeulan sin a’ toirt soilleireachadh dhuinn mu chleachdan na lìnntean sin, a tha ’gam fàgail nan àiridh a bhi air an cumail air chuimhne. Tha muinntir na h-Eirinn air iomad dòigh mar a bha muinntir na Gàidhealtachd o chionn ceud bliadhna. Tha ri fhaotuinn, gu h-àraidh air taobh an h-àirde ’n iar do dh’Eirinn, daoine ’tha toirt uiread do chreideas do na nithe sin ’s a tha iad a’ toirt do dh’aon nì tha iad a leughadh ’san eachdraidh is firinniche agus is measaile a chuirear ’nan lamhan. Tha mìle sgeul air an aithris ann an Eirinn mu na sìthichean ’s na daoine beaga, airson an t-aon a tha ri chluinntinn sa’ Ghàidhealtachd. Cha’n ’eil seann chaisteal ann an Eirinn aig nach ’eil (ma’s fìor) a bhean-shìth féin ’ga thathaich. Ach na daoine ’thainig as ùr do dh’Eirinn á Sasunn a’s àiteachan eile, cha chuir na daoine beaga an onair orrasan tighinn a thathaich. ’S iad na seann teaghlaichean Eirionnach a mhàin aig a’ bheil bean-shìth ’gan leantuinn. Cha’n eil math labhairt ri muinntir na h-Eirinn do thaobh so. Cha’n eil e comasach a thoirt orra ’chreidsinn gur amaideachd fhaoin gun bhunachar gun fhìrinn a th’anns gach sgeul de’n t-seòrsa so. Tha co math dhuit feuchainn ri toirt air a h-aon dhiubh a chreidsinn nach ’eil a’ ghrian a’ snàmh ’s na spéuran, ’s a thoirt orra ’chreidsinn nach ’eil bean-shìth a’ tathaich nan seann làraichean briste ’san robh na tighearnan Eirionnach, cinn-teaghlaich na dùthcha, gabhail an còmhnuidh. Thachair dhàsan a tha ’ga sgriobhadh so a bhi aon uair aig taobh Loch Neagh, far an robh teaghlach rìoghail O’Néil a’ còmhnuidh, ann an Caisteal Shane; a’s chual e iomad sgeul neònach mu’n ghruaigich, no a’ bhean-shìth a tha tathaich an àite so. A réir a’ chunntais ’tha na seann daoine ’san àite so ’toirt oirre, cha’n ’eil dochair, na cruaidh chas, na bàs, a thig an rathad a h-aon de’n teaghlach aosmhor sin nach cluinnear sgriach na ban-shìth air barra-bhall’ a’ chaisteal. Tha iomad seòrsa do dh’ ùruisgean, do thaibhsean, do ghruagaichean, ’s do dh’ urrainnean eile dhe’n t-seòrsa sin, air a’ bheil sgeulachdan ri fhaotuinn ann an Eirinn; ach ’si a’ bhean-shìth gu mòr is measaile ’nam beachd, agus do ’bheil iad a’ toirt am barrachd urraim. A réir a’ chunntas tha iad a toirt aìr a’ bhean-shìth, tha i cosmhail ri òigh no maighdean òg earachdail; agus air uairibh eile air dhreach seann mhnatha aosmhor, phreasanach, ghrànda—a folt fada na dhualaibh sìos mu ’gualaibh. ’Se ’n dreuchd a tha’n earbsa rithe, rabhadh a thoirt do ’n teaghlach leis a’ bheil i fuireach mu bhàs no mu dhriod-fhortan [TD 99] [Vol. 7. No. 13. p. 3] air bith ’tha ri tachairt. Tha ’n rabhadh so air a thoirt seachad ’san oidhche—seòrsa do thuireadh brònach, cianail muladach—ceòl mar fhonn tùrsaich na gaoithe ’measg chraobh, a chluinnear o asdar fada. ’Se fonn na bean-shìth a th’air a ghabhail le mnathan na h-Eirinn ’nuair ’tha iad le caoidh tùrsaich ’s le bas-bhualadh brònach a’ leantuinn cuirp caraid do’n chill. Bha’n sud, roimhe so, ann an Eirinn, ’s na lìnntibh a chaidh seachad, òigh àillidh do sheann teaghlach measail O’Néil. Cha robh ’san tìr uile a h-aon bu luraiche na i, ’s bu bheusmhor giùlan, na air an robh barrachd meas. Bha flleasgach earachdail ’ga suiridh, ’s ag iarraidh a pòsadh; ach bha e bochd, ’s cha robh a theaghlach co measail ri teaghlach Norah. Ach coma có dhiùbh, chaill i a cridhe leis—thug i gaol da, a’s gheall i a phòsadh. Fhad ’sa bha ise r’a thaobh, shaoil e nach robh nì a b’ urrainn tachairt a bheireadh air a dì-chuimhneachadh; agus ise, cha robh ’na beachd neach air aghaidh an t-saoghail mhòir a ghabhadh i a roghainn air Uisdean òg. B’àbhaist doibh a chéile ’choinneachadh ann an Lagan nan Craobh air mheadhon-oidhche, agus gu tric mu’n éireadh uiseag na maidne, a dh’ùrachadh am bòidean agus an geallaidhnean—thigeadh an saoghal mar a thogradh e, nach tigeadh caochladh air an gràdh de chéile. Bha Norah ochd-bliadhna-deug a dh’ aois, agus Uisdean donn ceithir-bliadhna-fichead. Latha de na làithean, mar a bha iad am briotal gaolach r’a chéile, thubhairt Uisdean, “Cha phòs mi thu an aghaidh toil t’athar, agus tha fios agam nach ’eil a chead againn. Theid mi thairis do na rioghachdan ’tha fada thall, coisnidh mi stòras, pillidh mi, agus an sin bheir t’athair dhomh thu air làimh. Pillidh mi le cliù ’s le onoir, ’s bithidh stòras agam; agus an sin cò ’chuireas eatorruinn? Ni mi so, a Norah, a chuisle mo chridhe! Tha mi a’ gabhail an Ti ’tha eòlach air gach ni mar fhianuis, o’n àm so, gur tu mo chéile phòsda—air ar ceangal agus air ar pòsadh ann am fianuis nèimh. Tha Esan a chruthaich a’ ghealach ghlòirmhoir ud, agus na reultan àillidh gorm ’tha shuas os ar cionn, na fhiannis. Lùb do ghlùn, a Norah, agus bòid an ni ceudna.” Rinn i so. Air an glùnaibh, taobh ri taobh, bhòid a’s mhionnaich iad nach deanadh nì air bith ach am bàs an dealachadh. Bha aig Norah fàine luachmhor, a thainig a nuas ’na teaghlach o lìnntibh céin, aig an robh buaidh àraidh, agus chuir i am fàinne so air meur Uisdean. “Geall,” ars’ ise, “ma thig nì air bith a’d’ rathad a bhacas tu o philleadh, a chumail; no ma chlaonas do chridhe air dhòigh air bith uam, geall gum pill thu am fàinne prìseil so air ais.” Gheall e so, agus dhealaich iad. Bha cridhe Norah an impis sgàineadh. “O!” ars’ ise, ann am bròn ’s an tuairgneadh a h-anaim, “nam biodh uiread gràidh aigesan dhòmhsa ’s a th’agamsa airsan, cha b’ urrainn dha dealachadh rium mar a rinn e. Cha’n fhàgadh e mi. Bha fios aige gu’n siùbhlainn leis air feadh an domhainn gu léir.” Bha fios aig Uisdean air so gu math; ach ’sann an gràdh a bhac e i—gun fhios aige gu ro mhath c’àite an robh e ’dol, no ciod an cunnart a bha ri ’choinneachadh. Cha dùraichdeadh e a toirt air falbh o a pàrantan aosmhor. Bha fios aige gum bristeadh so cridhe an t-seann duine. Dh’fhalbh e, ’s chaidh bliadhna seachad gun litir gu iomradh mu thimchioll Uisdean, a bha nis anns na h-Innsean a b’fhaide as. Gu tric thainig e nis ’na cuimhne, nam biodh uiread gràidh aig’ oirre ’s a bh’aice-se airsan, cha deanadh e falbh ’s a fàgail na dheigh mar a rinn e. Bha i ’ga dhi-chuimhneachadh. Bha h-athair ’s a màthair do ghnàth air a h-aodann, a’ labhairt na h-aghaidh, agus a’ deanamh na b’ urrainn doibh chum a tarruing gu fear eile a b’àird’ a’s bu bheartaich’ a phòsadh a bha ’ga h-iarraidh. Ma dheireadh dh’aontaich i, agus ghéill i; ’s cha b’iongantach e; oir cha d’thàinig focal uaidh o na dh’fhalbh e; agus bha na h uile aobhar aic’ a chreidsinn na bha gach aon ag ràdh rithe, gu’n do dhì-chuimhnich Uisdean i. Bha mòran a’ tighinn mu thimchioll an àite, a’ togail sgeóile de’n t-seòrsa so mu dhéidhinn. Mu’n àm so, bha dà sheann bhean aig an robh bothain dlùth do’n àite, a thachair ’san fheasgar air a chéile; agus thòisich iad air seanachas mu thimchioll Nòrah agus am fear a bha i dol a phòsadh. “Tha Norah O’Néil,” ars’ an dara té dhiubh, “dol a phòsadh.” “’Se sin ’tha iad ag ràdh,” ars’ an té eile. “Cha’n eil iomradh air Uisdean ’tha fad as—esan a b’àbhaist a coinneachadh ann an Lagan nan Craobh, fo’n chreig léithe. Ach nam biodh comas cainnt aig craobhan, a’s uillt, a’s cnuic, bhiodh sgeul brònach aca ri innseadh mu cheilg an duine, agus mu amaideachd a’s laigs’ a h-aon do mhaighdeanan na h-Eirinn. Ach chì sinn ciamar a thig a’ chùis gu crìch. Chunnaic mise, agus chuala mi—ach ciod am math a bhi ’ga aithris?” “’Ne,” ars’ an t-seann bhean eile, “gu’n cual’ thu guth brònach na bean-shìth?” “Matà, innsidh mise dhuit mar a thachair. Tha nise sèa bliadhna o na dhealaich Norah O’Néil agus a leannan. Bha mise tighinn dachaidh troimh ’n ghleann, agus thainig mi orra gun fhios ann an Lag nan Craobh, fo’n chreig léithe, far an robh iad a suidhe dlùth do chéile. Bha ise ’caoineadh mar mhaighdein; ach ged nach robh esan a’ caoidh na ri tuireadh mar ’bha ise, bu chianail ri éisdeachd a bhruidhinn bhrònach. Chunnaic mi iad a’cur meur ri meur, agus ise ’cur fàinn’ air a làimh-sa; agus mar ’rinn i so, co cinnteach ’s a bha mìle mìle reul àillidh gorm ’san iarmailt shuas, thainig sgreuch bhrònach thùrsaich na bean-shìth d’am ionnsuidh air oiteig na h-oidhche! B’eòlach air mi. “Mo thruaighe,” arsa mise, “cha tig an gealladh a rinn sibh gu buill cheart!” “An cual’ thu an guth cianail sin?” deir an té eile. “Tha mise fada ’san àite so, ’s cha chuala mi riamh sgreuch a’ bhròin, no sanus na bean-shìth, ged is tric a chuala mi gu robh a leithid ann.” “Faodaidh sin a bhi,” ars’ a’ bhean eile, “ach an oidhche air an do chòrd Norah an t-aon so nis a phòsadh, agus a bhrisd i a gealladh do dh’ Uisdean, bha ise, ’s a màthair, ’s a h-athair, ’s an duin’ òg, agus an sagart, le chéile ’san t-seòmar mhòr. Bha mise dlùth do’n àite. Chuala mi, cho pongail ’s a tha mi air an àm ag éisdeachd do ghuth-sa, sgreuch bhrònach na bean-shìth; ’s ged b’i so uair mo bhàis, bheirinn mo bhòid a’s m’ fhocal mu’n chùis. A’ cheud uair a chuala mi i sa’ ghleann, mhothuich mi i a’ dìreadh na beinne mar bhadan geal do cheò nam beann, ’s a folt fada ’snàmh sa’ ghaoith. Chunnaic mi so le solus na gealaiche, agus chuala mi an guth bu bhrònaiche ’s bu mhuladaich’ a ràinig mo chluas ’san t-saoghal so. An treas uair tha ’n dàn. Mo thruaighe, Norah òg!” “A’s c’uin a bhios là na bainnse?” ars’ an t-seann bhean eile. “Thà, seachduinn o’n Di-màirt so tighinn,” ars’ ise. Tha uidheamachadh mòr ’ga dheanamh—anabarr do dh’uaislean na dùthcha ri bhi ann; agus tha uile sheann chleachdaidhean na h-Eirinn ri bhi air an cumail suas. Tha clàrsairean a’s pìobairean ri bhi ann, ’s an tuath uile an deigh cuireadh fhaotuinn.” Thainig là na bainnse. Bha’n dùthaich uile cruinn, agus, maille ri càch, an dithis aig an robh an seanachas mu thimchioll na bean-shìth. Bha ’m pòsadh a’ dol air aghaidh—ghlac fear-na-bainnse làmhan a chéile. Thainig coigreach air muin eich gu luath dh’ ionnsuidh an doruis. Ghrad leum e air an làr. Chaidh e stigh gu luath far an robh cuideachd na bainnse cruinn. Bha ’chàraid pòsda. Dh’iarr an coigreach deoch o bhean-na-bainnse. Ghlac i soitheach airgid. Lìon i so de’n fhìon dhearg. Dh’òl i a dheoch-slàinte, agus thairg i an cupa dhà. “Cha’n e fìon mo dheoch,” ars’ esan. “ach an t-uisge glan.” Dhòirt i am fìon as, agus lìon i an cupa do dh’uisg’ an tobair. Dh’òl e deoch de’n uisge, agus mhothuich bean-na-bainnse gu’n do leig e le ni-eigin tuiteam sa’ chupa mar a thairg e air ais e; ach mu’n do mhothuich i ciod a bh’ann, dh’fhalbh an coigreach. Mar a chaidh e as an t-sealladh, chual’ an t-seann bhean sgreuch na bean-shìth. Dh’amhaire bean-na-bainnse stigh sa’ chupan, agus ciod a fhuair i ann ach a’ cheart fhàinne—fàinne nan iomadh buaidh—a chuir i air meur Uisdean ’nuair a dhealaich i ris, ’s a bhòid iad a bhi dìleas do chéile. Cha do labhair bean-na-bainnse focal. Thuig i nis cò e an coigreach a dh’iarr deoch oirre—gu’m b’e Uisdean d’an d’thug i gràdh a cridhe a bh’ ann. Ach cha do leig i a bheag oirre. Chaidh cuirm na bainnse air aghaidh, agus thòisich an dannsa. An ceann uair an uaireadair, thainig duine stigh ann an cabhaig mhòir, ag iarraidh an t-sagairt. “Thainig,” ars’ esan, “coigreach o chionn ghoirid a dh’ionnsuidh mo thighe, ag iarraidh fasgadh na h-oidhche. Bha e fo thrioblaid mhòir, a’ fasgadh a dhà làimh, ’sa’ sileadh nan deur gu frasach. Thuit e air an ùalar. Tha mòran eagail orm gu bheil e marbh, agus thainig mi gu luath a dh’iarraidh an t-sagairt.” Thuig bean-na-bainnse mar bha ’chùis. B’e Uisdean, fear a gaoil, a bh’ann. Ghrad ruith i mach, gun suim do’n phòsadh na do’n chuideachd. Lean i an duine, ’s an sagart maille rithe. Mar bha i ’dol a mach air dorus a’ chaisteal, thainig oiteag làidir ghaoith’ a stigh, ged a bha’n oidhche ciùin feathail. Bha eagal a’s oillt air gach aon a bha làthair. Chriothnaich iad uile, oir chualar sgreuch na bean-shìth air bàrr bhalla ’chaisteal—an guth bu bhrònaiche agus bu mhuladaich’ a chuala neach riamh. Chualar an ath ghlaodh brònach tiamhaidh. Bha’n t-seann bhean aig an dorus. Thòisich i air bas-bhualadh ’s air caoidh. “Mo thruaighe, mo thruaighe!” ars’ ise; “Norah àillidh O’Néil!” Ràinig bean-na-bainnse dorus a’ bhothan ’san robh an coigreach. Bha e gun deò, ’s b’e Uisdean a bh’ann! Thilg Norah i féin air a dà ghlun r’a thaobh, a’s ghuil i gu goirt. Ghlaodh i air Uisdean; ach cha d’thainig focal as na bilean geala, a bha nis dùinte sa’ bhàs. Phòg i e; ach bha ’shùilean dùinte. Thuig i gu’n robh e marbh. An làthair na cuideachd, a bha nis air teachd na deigh—an làthair a h-athair a’s fear-na-bainnse—strac i dhìth rìomhachd na bainnse—leig i le ’falt tuiteam mu ’guaillibh—thog i tuireadh a’s bròn—ghlac i na làmh fhuar, agus sheinn i tuireadh a bhàis, ann an cainnt a thug deòir o gach sùil a bha sa’ chuideachd. Mar a sheinn i an rann mu dheireadh de ’n tuireadh chianail thuit i na corp marbh taobh Uisdean!—bha a cridhe air sgàineadh. Chàradh iad ’san aon uaigh, a’s chuireadh an aon leac thairis orra. An ceaan fichead latha an deigh sin, chualar a’ bhean-shìth a rithisd air bàrr bhalla ’chaisteal aosmhoir. B’e bàs athair Norah O’Néil a thachair, an triath mu dheireadh de’n ainm. Tha’n dàn a rinn Norah fhathast air aithris ann an seann chainnt na h-Eirinn; ’s god a chuireadhmaid a sìos e, is gann a b’urrainnear a thuigsinn ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Ach a thaobh gu bheil e coslach ri iomad aon de’n t-seòrsa ’chuala sinn ’nar dùthaich féin, cuiridh sinn sìos suim agus brigh nam focal. ’Sa’ chainnt Eirionnach, tha e anbharra brònach muladach:— Mo ghràdh, mo ghràdh, a’s m’ annsachd féin! (Air a leantuinn air taobh 102.) [TD 100] [Vol. 7. No. 13. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 21, 1898. THA sinn an dùil gu’m bu cho math do’n chònsachadh a tha eadar “Cona” agus “Dùghall” a bhi air fhàgail mar a tha e. Cha’n eil sinn a’ smaoineachadh gu’n atharraich fear seach fear dhiubh a bharail ged a leanadh iad air a ceéile gu Bealltuinn, agus cha dean a bhi luaidh orra anns a MHAC-TALLA Laurier agus Tupper na’s fhearr no na’s miosa na tha iad. Cha’n eil cron sam bith ann a bhi toirt iomraidh air cùisean-riaghladh na dùthcha, ach cha ’n eil e ceart a reir ar barail-ne a bhi laidhe tuilleadh us trom air aon taobh, agus a’ gabhail leisgeul an taoibh eile gu buileach, ni air am bheil luchd nan politics daonnan buailteach, ach ni am bitheantas nach taitinn ro mhath ris an leughadair. THA othail eagalach ann an China. Bha iomradh air feadh an t-saoghail o cheann beagan laithean, gu tainig crioch eagalach air beatha Iompaire China. Is ann an staid bhronach, bhochd, a tha China aig an àm so. Tha na Chinesich daonnan muladach ’nuair a thig caileag do ’n t-saoghal. Mu theid paisde ’tha ’na caileag a mharbhadh, tha iad uile toilichte. Tha ’nis ann am Pecin trusdar mnatha, a thoisich a cuairt anns an t-saoghal ann an inbhe bhochd, thrailleil. Bha, agus tha, inntinn cuilbheartach aice. Fhuair i air a h-aghaidh gus an robh i fa-dheoidh ’na bean do ’n t-sean Iompaire. Is i muime an Iompaire bhochd, gun tapadh, gun duinealas, a tha ’nis air an righ-chaithir. Chunnaic i gle mhoch gur e duine faoin, bochd, gun tuaiream, no toinisg, no fearalas, a bha ann. Thug i dha lan a chridhe de gach ol ’us itheadh a bha taitneach leis, gus fa-dheoidh an d’ fhuair an t-seana Bhan-Iompaire charach, neo-gheamnuidh, lamh an uachdair thairis air. Tha rioghachd lionmhor farsuing China an diugh ann an staid mhuladach, bhronach bhochd. Nan tigeadh duine comasach, uasal, direach a ghabhail curaim air China, bhitheadh e ’na bheannachadh do gach duine ’s bean anns gach cearna de ’n rioghachd, a tha sean na abhaistean, agus aig am bheil eugnachd ’us innleachd gu leoir. AN T-OLLAMH UILLEAM CINGSFORD. Thainig a’ chrioch air an duine dhichiollach, ghasda so, bho cheann beagan uine. Tha e airidh air moladh mor bho gach duine a tha ’tuineachadh ann an Canada, bho aon chuan stuadhmhor gu cuan samhach eile. Is ann an Sasunn a rugadh e. Thug nadur buaidhean mora ’s uasal da. Rinn e moran cuideachaidh le ’thuigse iongantach, do ’n rathad mhor fhada, an Tronc Aluinn, ann an Canada. Leis an inntinn ghasda ’bhuilich Dia air, ’us leis gach curam a thug e airson a bhuaidhean a neartachadh, bha e ullamh airson gniomh duineil a dheanamh ann an slighe dhichiollach air bith. Am feadh a bha ’n rathad iaruinn air an d’ rinn mi iomradh a’ dol air aghaidh, thug Maighstir Cingsford comhnadh mor seachad ann an roghnachadh nan aitean anns anns am b’ choir do ’n rathad dol. Tha mi fein cinnteach gu d’ rinn e cairdeas mor do ’n rathad iaruinn, agus gu bheil meas sonruichte aca-san a thog an rathad, ’s a tha an diugh a lathair, air innleachd, ’us gliocas, ’us dealas Chingsford, a tha an diugh tosdach ann an suain a’ bhais. Is e da rireadh, aon de na daoine ’rinn moran maith do Chanada, ’s a tha airidh air onoir urramach fhaotainn bho gach duine ceart ’us treibh-dhireach ann an Canada. Is eiginn gu d’ rinn an duine treubhach so, iomadh obair ghoirt, agus gu d’ rinn e euchdan iomraiteach mu ’n d’ rainig e sè agus tri fichead bliadhna. Is ann aig an aois so, an trath a tha daoine gu cumanta ’tarruing air falbh bho churam ’us bho shaothair an t-saoghail, a thoisich Maighstir Cingsford air eachdraidh Chanada ’sgriobhadh agus a dheasachadh. Tha, e da rireadh, airidh air meas ’us miagh suilbhir, ait; do bhrigh gu d’ rinn e saothair chruaidh, ghoirt re iomadh bliadhna; ’s gu do thoisich e air eachdraidh Chanada ’sgriobhadh, an uair a bha e sean ann an seadh sonruichte, agus an trath a tha daoine ’cur dhiubh an airm, agus a falbh as gach stri ’s comhrag. Cha robh eolas again fein riamh air. Tha eolas agam air an eachdraidh a sgriobh e; agus is e mo bheachd dhiongmhalta nach deachaidh eachdraidh riamh a sgriobhadh air Canada ’tha co dileas, co firinneach, co pongail, co taitneach ri eachdraidh Chingsford. Is coir do gach Gall ’us Gaidheal, do gach Sasunnach ’us Duitseach ann an Canada, ’bhi proiseil gu buin iad do ’n dùthaich so, ’s gu d’ rinn na daoine bho ’n tainig iad gniomh ard no iosal ann an aobhar Chanada. Tha an eachdraidh a dheasaich Cingsford, le comas, ’us gliocas, ’us tapadh iongantach, ag innseadh duinn cia mar thoisich na Frangaich air tighinn gu Canada, ’s cia mar bha iomadh stri ’s dragh aca leis na h-Innseanaich, bhos ’us shuas anns an dùthaich. Cha ’n ’eil e comasach urram ’us speis gu leoir a bhuileachadh air Cingsford airson gach dichioll ’us dealas a nochd e ’chum gu faigheadh e as gach leabhar-lann shios ’us shuas anns an dùthaich, agus anns an Fhraing ’s an Sasunn, na beachdan a’s fhearr, ’an eachdraidh a’s firinniche, ’s an cunntas a’s diriche mu gach ni ’thachair ann an Canada, mu gach buaidh ’thug na Frangaich agus na Sasunnaich seachad, ’us mu gach dragh a bha aig na Breatunnaich mu ’n d’ fhuair iad fa-dheoidh, coir air Canada. Tha eachdraidh Chingsford a’ lionadh deich leabhraichean no deich earannan. Tha gach leabhar a’ lionadh cuig no sè ceud taobh-duilleig, agus tha obair a’ chlodhadair snasmhor, pongail ’us eireachdail. Thug Cingsford da bhliadhna dheug ann an trusadh, bho gach leabhar-lann, sgeula, no eolas, no iomradh, no cunntas air gach neach ’us ni anns am bheil feum no iarrtus, ann an cur eachdraidh Chanada ri cheile. Bha cridhe Chingsford lan onoir, ’us firinn, ’us ionracais. Tha ’n eachdraidh a sgriobh e ’ruigheachd bho 1602 gu 1841. Tha e ’g radh ann an toiseach ’eachdraidh, gur e iarrtus seasmhach, an fhirinn a thrusadh agus ’fhaotainn bho gach neach ’us ni ’bha riamh mor no beag, math no olc ann an Canada. Cosmhuil ris gach eachdraiche dileas, neo-sgathach a bha riamh air an t-saoghal, tha Cingsford a’ gealltainn smior na firinn innseadh, gun eagal no sgath, mu gach Frangach agus Breatunnach a rinn maith mor no olc ’us amaideachd fhaoin ann an cuisean Chanada. Tha e ’g radh—agus gun teagamh tha ceartas air a thaobh—gu mol gach duine aig am bheil speis do ’n fhirinn e fein, do bhrigh gur e run-suidhichte, gach ni ’tha fior ’us ceart a chur an ceill mu gach duine mor, ’us beag, ’us meadhonach, ’us diblidh air an robh fios no rinn maith no uprait air bith ann an gnothuichean Chanada. Choimhlion Cingsford, ’n a eachdraidh fharsuing, chiatach, gach gealladh ard, duineil, ceart a rinn e. Thar leam gu bheil an deicheamh leabhar de eachdraidh Chingsford fathast ann an lamhan an chlodhadair. Sgriobh an t-eachdraiche gasda, eachdraidh ann am Beurla ghrinn, chruaidh, bhlasda. Chosd e da bhliadhna dheug de bheatha ann an sgriobhadh eachdraidh Chanada, ’s thainig crioch air a chuairt thalmhaidh an uair a chriochnuich e an obair ghasda, ghreadhnach, ghaisgeil a ghabh e as laimh as leth Chanada gu leir. Bha cridhe ’n eachdraiche Chingsford a’ cur thairis le gradh ’us muirn do Chanada. Anns na briathran deireannach a sgriobh e, tha e ’g radh, “Tha mi ’nis a’ fagail mo bheannachd leosan a bha ’nan companaich dhileas leam re an da bhliadhna deug a chur mi seachad ann an sgriobhadh eachdraidh America mu thuath. Is e mo dhochas fior agus dileas gu teid Canada air a h-aghaidh le ionracas ’us onoir, ann an soirbheachadh, ann an ceartas, agus ann an gliocas fo thearmunn ’us fo shuaicheantas Bhreatuinn. Is e m’ iarrtus agus mo dhochas laidir, seasmhach, gu bi gach duine ’s bean ann an Canada dileas agus fior dhileas do Bhreatunn, agus nach bi gu brath tuiteam air falbh, ann an smuain, ann am facal, no ann an gniomh am measg na daoine oga ’tha ’togail an cinn shuas ’s a bhos, an ear ’s an iar, ’us tuath ’s a deas, ann an Canada.” Tha MAC-TALLA ’s mi fein toilichte gu d’ rinn na Gaidheil gniomharan co meamnach ann am fosgladh suas Chanada. Tha sinn a’ togail ar guth am fabhar Chingsford. Tha sinn toilichte gu tug luchd-riaghlaidh Chanada duais do ’n duine thogarrach, ghasda, airson a ghniomharan euchdail, dhurachdach, àluinn. Tha sinn toilichte gu deachaidh urram iomchuidh a charamh air ann an Ottabha, aig an adhlacadh; oir cha ’n aithne duinn duine beag no mor an diugh, a rinn uiread maith do Chanada le ’eanchainn laidir, le ’dhichioll seasmhach, agus le ’ghliocas urramach, ghlormhor. CONA. [TD 101] [Vol. 7. No. 13. p. 5] NAIDHEACHDAN Tha a’ chùirt mhor ’na suidhe anns a bhaile air an t-seachdain so, ’s am Breitheamh Henry air a’ chathair. Tha àireamh mhor chàsan ri bhi air am feuchainn. Tha side fhliuch an deigh milleadh mor a dheanamh air a chruithneachd ann am Manitoba. Tha cuid a meas gu’m bi an ceathramh cuid dheth air a chall gu buileach, ach tha dòchas nach eil a chùis buileach cho dona sin. Ma tha, bidh am flùr gu math na’s daoine air a shàilleabh. Tha da fhichead mèinneadair, le ’n teaghlaichean, gu falbh á Cheap Breatunn air a cheud latha dhe’n gheamhradh, ’sa dhol gu ruige Crow’s Nest Pass far am bheil iad gu obair fhaotainn ann am méinn ghuail, Chaidh àireamh am mach do’n àita cheudna an uiridh, agus a reir sgeoil, tha iad a faighinn air adhart gu math. Tha coithional St. Andrew’s an deigh clach-chuimhne bhriagha chur suas aig uaigh an Urr. Alasdair Mac Fhearchair, nach maireann. Bha Mr. Mac Fhearchair a’ saoithreachadh mar mhinistear ann an Sidni fad naodh bliadhn’ deug, agus bha e anabarrach measail aig muinntir a’ choithional aige fhéin, agus aig na h-uile chuir eòlas air. Chaidh binn bàis a thoirt a mach air fear Davidson ann an Antigonish air an t-seachdain s’a chaidh. Rinn e mort ann an Tracadie o chionn beagan us bliadhna air ais. Tha e gu bhi air a chrochadh air an treas latha deug de Desember. Thatar a dol a chur tagraidh air beulaobh an Ard-riaghladair air son a bheatha leigeadh leis, agus tha moran dhe’n bharail gu’m bu chòir sin a dheanamh. Thainig àireamh mhor de mhucan-dubha (blackfish) a stigh do’n acarsach Di-satharna s’a chaidh, agus chaidh an cròthadh suas an amhuinn far an deachaidh moran dhiubh a mharbhadh. Chaidh tuilleadh dhuibh a mharbhadh Di-dònaich, (ged nach còir a bhi ’ga innse) agus chaidh na bha air fhàgail dhiubh an deigh sin a chur gu bàs Di-luain. Bha cuid dhiubh gu math mor. Gheibhear pris math air an olla thig asda, agus ni iadsan a fhuair fear no dha dhiubh a mharbhadh sporan beag airgead. Cha’n eil sinn an dùil gu’n d’ fhuair eadhon aon de na o mucan as an acarsaid beò. Tha paipeir Bhaddeck, an Telephone, ag radh gu bheil an duine ’s seana tha ’n Ceap Breatunn a fuireach air an Amhuinn Mheadhonaich—Aonghas Caimbeul, a tha ceud bliadhna ’sa tri a dh aois. Thug MAC-TALLA iomradh o chionn beagan sheachdainean air ais air Sim Friseal, a tha fuireach faisg air Bay St. Lawrence an siorrachd Inbhirnis, agus a tha ceud bliadhna ’sa h-aon deug. Agus cha bu mhath leinn a radh gur h-e ’n dhuine ’s seana tha air an eilean, oir tha na daoine seana a’ fàs gle lionmhor anns na bliadhnaichean so. An ath sgeul a chluinneas sinn faodaidh i a bhi mu chuideigin a tha ’nar measg a tha còrr us sia fichead. Cha mhor gu bheil seachdain a’ dol seachad gun soitheach no dha a bhi air a glacadh air son a bhi bristeadh lagh na cusbuinn. Tha iad a tigh’nn á St. St. Pierre luchdaichte le stuth làidir agus tha roinn mhor dhiubh a faighinn an luchd a chur air tir gun cis no dlighe sam bith eile phàigheadh. Buinidh eileanan St. Pierre do’n Fhraing, agus tha iad ’nan dragh mor do Chanada, do Newfoundland, agus do na Stàitean anns an dòigh so. Bu mhath an ni do na dùthchannan sin na ’m faigheadh Breatunn seòl air toirt air na Frangaich St. Pierre a thoirt seachad, oir tha e ro-choltach nach eil dòigh air stad a chur air a mhalairt mhi-laghail so fhad ’sa bhios na h-eileanan fo bhratach na Frainge. Tha soitheach-cogaidh Breatunnach am Pallas anns an acarsaid o chionn seachdain. Thainig i stigh Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, agus tha i falbh an diugh gu ruige Halifacs. Tha muinntir Jamaica a bruidhinn air tigh’nn a stigh ri Canada. Cha ’n eil iad toilichte le ’n crannchur mar a tha iad, oir tha an saoghal a cur gle chruaidh riutha anns na bliadhnaichean so, agus tha iad dhe ’n barail gu’n biodh iad na b’fhearr dheth na’n cuireadh iad iad fhéin air cùram Chanada. Chaidh Banc Mholson, ann a Winnipeg, a robaigeadh o chionn ghoirid. Bha tri fichead us da mhile dolair ($72,000) air a thoirt air falbh as a bhanca, ach tha mu chòig mile fichead dhe sin nach dean feum sam bith do na meairlich. Cha’n eil fhios co a tha ciontach agus cha d’ rinneadh lorgachadh sam bith is fhiach fhathast. Chaidh bristeadh a stigh do’n stòr aig J. H. Christie, aig a Bhras d’Or Bheag, oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha fiach chòig dolair fhichead de bhathar air a ghoid. Oidhche Di-haoine, chaidh bristeadh a stigh do’n stòr aig W. Lane, ann an Sidni Tuath, agus bha da dholair dheug de dh’ airgead air a ghoid aisde. Tha na meairlich a’ fàs pailt. Chaidh da shoitheach smuglaidh a ghlacadh ann an Sidni Tuath Di-luain s’a chaidh. Bhuineadh te dhiubh do St. Pierre, agus bha mu fhiach sia ceud mile dolair de stuth làidir ’s de thombaca aice air bòrd, agus ceannaiche mhuinntir Lingan a gabhail cùram dheth. Bha aig an t-soitheach eile mu fhiach da mhile dolair dhe na seòrsachan ceudna. Cha robh as air aon dhiubh a ghlacadh mur biodh gu’m b’fheudar dhaibh tigh’nn gu port air son fasgaidh. Tha Riaghladh ùr aca nis ann an Eilean a Phrionnsa; tha naodhnar luchd-dreuchd anns an Riaghladh, agus is Gàidheil, no mic Ghàidheil, seachdnar dhiubh. Cha’n eil fhios againn cia meud dhiubh aig am bheil Gàilig. Bha na Gàidheal o shean ainmeil mar luchd-cogaidh, ach tha Gàidheil an latha ’n diugh ’g an deanamh féin ainmeil mar luchd-riaghlaidh. Cha’n eil roinn ann an Canada anns nach eil iad a’ deanamh an cuid fhein dhe’n riaghladh, agus a cosnadh moran de na dreuchdan a’s inbheiche ’s a’s urramaiche tha ri ’m faotainn. Chaidh call mor beatha dheanamh aig ceann a deas Shasuinn deireadh na seachdain s’a chaidh. Bha soitheach mor d’ am b’ ainm Mohegan, a bha air a turus eadar Lunnainn agus New York, air a long-bhristeadh, agus bha mu cheud gu leith duine air am bàthadh. Bha da cheud air bòrd, agus cha robh air an sàbhaladh ach mu leth-cheud. Cha’n eil fios cinnteach ciod a dh’ aobharaich an sgiorradh, ach thatar a dheanamh a mach gu’n deachaidh ni-eigin cearr mu’n inneal stiùiridh, agus gu’n deachaidh an soitheach bhar a cùrsa, gus ’n do bhuail i air na creagan. IADSAN A’ PHAIGH. Uilleam Mac Aoidh, Inbhirnis, Alba. H. A. Mac Gille-mhaoil, South Finch, Ont. Domhnull D. Mac Leoid, Hampden, Que. An t-Onarach Uilleam Ros, Halifax, N. S. An t-Oilear A. G. Domhnullach, Truro, N. S. An t-Urr. Iain I. Siosal, Pictou, N. S. “I. C. Mac Gille-mhaoil, Cardigan, E. P. I. Domhnull Peutan, Cardigan, E. P. I. D Mac Gill-fhaollain, St. George’s, E. P. I. M. D. Mac Cormaic, Launching, E. P. I. Iain Mac Gill-fhaollain, Primrose, E. P. I. Caiptean Ruairidh Mac Neill, Sidni. Aonghas M. Mac Neill, Cul Iona. M. R. Johnstone, am Pon Mor. Calum Mac Gille-ghuirm, Valley Mills. Mor A. Mic Gilleain, Loch Ainslie. Niall A. Mac Gill-fhaollain, B. C. Chapel. Seumas I. Mac Gilleain, Woodbine. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 102] [Vol. 7. No. 13. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 99.) ’S iomad latha ’chaith sinn an caidreamh gaoil, Fo sgàile nan craobh ’san Lagan fhasgadach chiùin, Taobh an uillt a shiùbhlas le torman binn, ’S do cheann buidhe bachlach a’m’ uchd. Bù mhilis do phòg, fhir mo ghràidh! Cha bu phòg gun ghràdh, cha bu ghealladh cealgach. Ach, mo thrugaihe ’s mo chreach! bha mise faoin; Cha do chreid Norah Uisdean an àigh. Mo ghràdh, mo ghràdh, a’s m’ annsachd féin! Nam bu léir dhomh an sin ni’s léir dhomh a nis, Shiùbhlainn leat an saoghail uile, le ’bheanntaibh àrd, Agus snàmhainn leat an cuan mòr. Ged a chàineadh mo chàirdean mi, bu shuarach leam, Ach làn chinnte ’bhi aig Norah nach do thréig thu i. ’Chaomhain! a chaomhain mo chrì a’s mo chléibh! Sgàin mo chridhe ’nuair a thuig mi mar a bha. Phòsadh mi ri fear eile—fhuair e gu deimhinn mo làmh; Ach tha fios aig na cumhachdan uile Gum bu leatsa mo chrì, Uisdean a b’àillidh gnùis! B’fheàrr leam thu na òr an t-saoghal mhòir— B’fheàrr leam thu na spréidh na h-Eirinn gu léir; Agus tha fios aig na cumhachdan uile Nach leig mi mo thaobh a chaoidh, Ach ri taobh Uisdean, ann an suain a’ bhàis! —Cuairtear nan Gleann, 1842. UR-SGEUL FIRINNEACH. Tha eachdraidh againn air duin’ araid ann an rioghachdan na h-airde ’n ear, a b’ éiginn a dhachaidh fhagail, an lorg geur-leanmhuinn a rinneadh air, agus imeachd na aonar gu h-allabanach roimh fhasaichean fiadhaich, agus dhùthchannan air nach robh e eolach. Cha robh aige do stor no ghoireas saoghalta, ach lochrann beag a b’ abhaist da a’ lasadh ’s an oidhche, chum an lagh a leughadh; coileach an àit uaireadair, chum a dhùsgadh ’s a mhaduinn agus asail air an do mharcaich e o àite gu àite. Air oidhch’ àraidh thainig an t-anmoch air gun fhios aige c’ àit an d’ thugadh e a cheann, no ’n leagadh e ’thaobh. Bha e air a chlaoidh le sgios agus an impis toirt thairis, ’nuair a thainig e gu àite far an robh baile beag agus cuid do thighean comhnuidh as an robh smuid. Smuaintich e far an robh daoine gu ’m faigheadh e aoidheachd agus fasgadh tighe gu maduinn, ach mhealladh e; dh’ iarr e cairtealan, ach dhiultadh e, ionnas gum b’ eiginn da dol do choillidh bha dlù do làimh, agus fo fhasgadh craige leig se e féin sios gu tàmh. “’S bochd, da rireadh,” a deir esan, “nach urradh dhomh aoidheachd aon oidhche fhaighinn, no fasgadh fo dhruim tighe; ach tha Dia gun teagamh ceart, ’s esan a thug so m’an cuairt; cha ’n ann gun fhios da a tha an ni a tachairt; agus gu nach léur dhomhs’ air an àm c’arson a tha mi mar so, tha mi beachdta gur ann chum mo mhath tha so a’ tachairt.” Las e an lochrann chum, a reir a chleachdaidh, gun leughadh e beagan do ’n lagh m’an coidleadh e; ach ’s gann a thoisich e, ’nuair a thainig iom-ghaoth a chuir as a sholus. “Nach truagh,” a deir e, “nach ’eil e air a cheadachadh dhomh an sòlas so féin a shealbhachadh, an leabhar naomh a leughadh ma’n tuitinn am chadal; ach,” a deir esan, “tha Dia cothromach, agus cha bhi mi ’gearan.” Thilg se e féin na shineadh air an talamh gu tàmh a ghabhail; ach cha luaithe dhùin e shuil na thainig madadh-alluidh as a choille a mharbh an coileach. “Ciod a nis a thainig orm,” a deir e, “an do mhilleadh mo chompanach dileas, furachair. Cò nis a dhuisgeas mi ’s a mhaduinn a leughadh an lagha; ach cha ’n fheudar a bhi gearan; cha ’n ’eil ni air bith a’ tachairt mar thuiteamas do mhac an duine.” ’S gann a bha ’m focal as a bheul, ’nuair a thainig leomhann garg, fiadhaich as a choill a chuir as do ’n asail a bha na luidhe r’a thaobh. “Ciod so a nis,” a deir e, “a thachair? Dh’ fhalbh mo lochrann, mo choileach, agus m’ asail bhochd, dh’ fhalbh iad uile, ach cha bhi mi ’gearan; ge b’e ni a thig a’m’ charamh, ’se Dia tha ga cheadachadh, agus feumaidh e bhith chum math.” Chaidh an oidhche thairis gun chadal. Anns a mhadulnn thug e ’m baile beag air a dh’ fheuchainn am faigheadh e doigh gu dol air aghaidh air a thurus; ach fhuair e le iongantas agus uamhas nach robh duine beo ann. Thainig buidheann chreachadairean orra ’s an oidhch’ a chuir as do gach aon diubh, agus a thug leo gach ni a bhuineadh dhaibh. ’Nuair a chunnaic e so, thuirt e: “Thus’ a Dhe Abrahaim, Isaaic agus Iacoib, a nis tha mis’ a’ tuigsinn gu bheil clann nan daoine gearr-fhradharcach, agus dall; gu tric a smuainteachadh gur bochduinn agus culaidh bhròin nithe tha air an cur ’n ar rathad chum ar math; ach thusa tha thu ceart, caoimhneil agus trocaireach. Mar biodh na daoine an-iochdmhor sin air mis’ a chur o’n bhaile, agus aoidheachd a dhiultadh dhomh, bha mi ’n diugh mar a ta iadsan. Mar biodh a ghaoth air mo lochrann a chur as, chitheadh na creachadairean far an robh mi, agus mhortadh iad mi; agus ’s ann an caoimhneas a mhilleadh an coilleach agus an asail, m’an deanadh iad le ’n eughach brath a thoirt far an robh mi. Moladh do ’n fhreasdal a ghabh cùram dhiom.” T. G. BAN-RIGH DHANMARC. Thainig a’ chrioch air Ban-righ Dhanmarc. Is e boirionnach flathail, eireachdail, beusach a bha innte. Bha i fein agus am Prionnsa ’phos i, gle bhochd ann an tus an laithean. Theagaisg i do ’nigheanan boidheach a bhi guamach deanadach, dichiollach. Is i Ban-phrionnsa Uallaidh (Wales) an nighinn a’s sine ’bha aig Righ agus Ban-righ Dhanmarc. Tha gradh an cridhe aig na Breatunnaich air Ban-phrionnsa Uallaidh, oir tha i boidheach, beusach, tapaidh agus oirdheirc. Cha bhi ’r Ban-righ àluinn, gheamnuidh daonnan beo. An uair a bhitheas Ban-phrionnsa Uallaidh ’na Ban-righ air Breatunn, bithidh i geamnuidh, uasal, eireachdail, agus leanadh i gu dileas, durachdach ceumannan onorach a mathar-cheile. Is e Csar Ruisia ogha na Ban-righ air an d’ rinn mi luadh. Is i mathar Righ nan Greugach. Agus mar so, tha Righ agus Ban-righ Dhanmarc rioghail, ard ’us eireachdail am measg righrean na Roinn-Eòrpa. Tha mi gle chinnteach gu do theagaisg a Bhan-righ a tha marbh do gach mac ’us nighean a bhuineadh dhi, iad a bhi gu moch ’us gu h-anmoch, a’ deanamh aoraidh do Dhia, ’s iad a bhi le durachd dileas ag iarraidh maith a dheanamh do gach duine bochd ’us anmhuinn air am faigheadh iad eolas anns na tirean bochd no beartach a bhuineas doibh, agus anns am bheil iad rioghail agus measail. Cleas nan Gillean. Ann an cearn àraidh de ’n eilean so tha duine fuireach d’ an ainm Dòmhnull, aig am bheil da fhearann. Thaghail Domhnull aon fheasgar briagha an àm an fheòir air a ghobha; bha an gobha anns a cheardaich a cruidheadh eich do fhear dhe na coimhearsnaich, agus bha ceathrar no coignear ghillean ’nan seasamh timchioll air, mar is gnàth do ghillean a bhi deanamh. Bha Domhnull air son an gobha fhastadh gus a dhol ’ga chuideachadh a ghearradh an fheòir air an fhearann iseal. Dh’ aontaich an gobha dhol còmhla ris air son tri tasdain, agus dh’ fhalbh Domhnull dhachaidh, a’ cur roimhe dhol a laidhe tràth chum ’s gu ’n deanadh e moch-eiridh air choinneamh a ghobha an la-’r-na-mhàireach. Ach chuir na gillean an cinn cuideachd, agus thuirt iad ri chéile gu robh an gobha tuilleadh us sanntach, agus nach bu chòir gu ’m faigheadh e tri tasdain Dhòmhnuill idir. ’S ann mar sin a bha. Na ’n tachradh do neach sam bith a bhi gabhail an rathaid an oidhch’ ud, eadar naodh ’sa deich a dh’ uairean, chitheadh e ceathrar cheatharnach ghillean le ’n cuid speallan cho trang ’sa b’ urrainn daibh a gearradh feòir Dhòmhnuill. Anns a mhaduinn, ghobha air do Dhomhnull ’s do ’n greim bidh a ghabhail, chaidh iad a mach gu ’n obair, ach an obair cha robh ri deanamh; bha am feur uile air a spealladh! Faodar a bhi cinnteach nach robh an gobha toilichte, ach cha do chuir an gnothuch gruaman sam bith air Domhnull. Mur dean na gillean na ’s miosa na sud air Oidhche Shamhna, bidh e gle bhuidheach dhiubh. An Coileach agus an Sionnach. Bha sionnach roimhe so moch madainn shamhraidh a’ gabhail an rathaid seachad air tigh tuathanaich, ’s rachar a chas an goisinn a chaidh a shuidheachadh air a shon. Bha coileach òtraich air iris greis bhuaithe, agus chunnaic e mar a thachair. Cha leigeadh an t-eagal leis tighinn faisg air gille-nan-car; ach, le an-amhurus, bha e tialadh, ’s ag gòradh g’a ionnsuidh uidhe air n-uidhe. Thug an sionnach an aire dha, ’s cuirear failte air cho modhail, càirdeil ’s a b’aithne dha: “Fàilt ort, fhir mo chridhe! Nach ann domhsa dh’ éirich e air do sgàth. Bha mi ’g ialadh romh ’n challaid ud thall, air mo cheum a’ dol dachaidh, an uair a chuala mi do ghogail, agus chuir mi romham taghal agad dh’ fhiach ciamar a bha dol dut fhein ’s do ’n mhuirichinn, ’s tha thu faicinn mar a dh’ eirich dhomh. Guidheam ort sgian a thoirt domh a ghearradh na sreinge, no, co dhiubh, gun dad a ghabhail ort [?] gearr mi i le m’ fhiacaill.” [?] an coileach mar a bha chuis, ’s gun ghuth a ghail air, thugar ’n a dheann a mhaighstir air agus innsear dha mar a bha. Thug esan leis a bhiodag agus chuir e as do ’n t sionnach mu ’n robh dol as aige. Seachainn an t-olc, agus seachnaidh an t-olc thu. Teagasg na Gailig. Thatar a tòiseachadh air teagasg Gàilig ann an Oil-thigh nan Caitliceach, ann am baile-mor Washington, air a mhios so. Bha leth-cheud mile dolair ($50,000) air a chur cruinn ’s air a chur air leith air son an aobhar sin, le comunn Eirionnach da’n ainm, The Ancient Order of Hibernians. ’S e cheud fhear-teagaisg a tha gu bhi ann, an t-Olamh Richard Henebry, sagart òg de sgireachd Waterford, an Eirinn. Tha e direach an deigh cùrsa foghluim a chriochnachadh ann an Oil-thighean Freidburg agus Greifswald, anns a’ Ghearmailt, far an d’ fhuair e an t-òrdugh Doctor of Philosopy. Tha e ’na dhuin’ òg a tha gle ghealltanach, agus ’se dòchas gach aoin aig am bheil meas air a Ghàilig gu ’m bi e ’na mheadhon air na Gaidheil Albannach us Eirionnach a tha ann an America, a thoirt gu bhi gabhail barrachd tlachd anns a chainnt aosda thainig orra o’n sinnsir, agus gu bhi deanamh barrachd ionnsachaidh oirre. Tha a cheana fear-teagaisg Gàilig ann an Oil-thigh Harvard—an t-Olamh Robinson—agus, mar a tha fhios aig ar leughadairean, tha caithrichean Gàilig ann an Oil-thaighean Dhuneidinn, Ghlaschu, Abaraidhean, Oxford, agus ann an Oil-thighean Maynooth agus na Trianaid, am Bail-ath-cliath. Tha a Ghàilig fada, fada o bhi marbh, no an impis a dhol bàs. Litir mu “Pholitics.” A CHARAID:—Tha mi ’m barail gu ’m biodh e na b’ fhearr do ’n MHAC-TALLA politics a sheachnadh. Thug mi fa-near na thuirt “Cona” an aghaidh Laurier agus a chàirdean; na thuirt “Dùghall” an aghaidh “Chona”; agus a rithist na thuirt “Cona” anns an àireamh mu dheireadh. Gabh mo chomhairle-sa, fhir-deasachaidh, agus cuir glas-ghuib air an dithis. Tha do chuid sgriobhaidh fhéin gle mhath anns an doigh so; cha ’n aithnich neach gu de ’n taobh air am bheil thu, ma tha thu air taobh idir. Bu chòir dhut a bhi cheart cho faiceallach a thaobh na sgriobhas muinntir eile. Mur bi thu sin, ni iad call a chur ort, agus cha b’e sin dùrachd do charaid, ROB RUADH. DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. [TD 103] [Vol. 7. No. 13. p. 7] Oran a’ Gheamhraidh. LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR. Tharraing grian, righ nam “planet” ’s nan reul, Gu “sign Chancer” Di-ciadaoin, gu beachd, A riaghlas cothrom mu ’n criochnaich e thriall, Da mhios deug na bliadhna mu seach; Ach gur h-e ’n dara Di-sathurn ’n a dheigh, A’ ghrianstad-shamhraidh, aon-deug, an la ’s fhaid’; ’S an sin tionnda’idh e chursa gu seamh, Gu seasghrian a’ gheamhraidh gun stad. ’S bho ’n dh’ imich e nis bhuainn mu ’n cuairt, Gu ’m bi fuachd oirnn gu ’m pill e air ais; Bidh gach la dol an giorrad gu feum, ’S gach oidhche d’a reir dol am fad; Sruthaidh luibhean, a’s coill, agus feur, Na fais-bheotha crion-eugaidh iad as; Teichidh ’n snodhach gu friamhaich nan crann, Suighidh glaodhain an sugh-bheatha steach. Seacaidh geugan glan, cubhraidh nan crann, Bha ’s an t-samhradh trom-stracte le meas, Gu ’n toirleum an toradh gu lar, Gu ’n sgriosar am barr bharr gach lios. Guilidh feadain a’s creachann nam beann Sruthain chriostail nan gleann le trom sprochd Caoidh nam fuarain ri meachainn gu ’n cluinn, Deoch-thunta nam maoiseach ’s nam boc. Laidhidh bron air an talamh gu leir, Gu ’n aognaich na sleibhtean ’s na cnuic; Grad-dhubhaidh caoin uachdar nam blar, Fal-ruisgte, ’s iad faillinneach bochd. Na h-eoin bhuchullach, bhreac-iteach, ghrinn, Sheinneadh baisgeanta, binn, am barr dhos, Gu ’n teid a’ ghlas-ghuib air am beul, Gun bhogha, gun teud—iad ’n an tosd. Sguiridh buirdeisich sgiathach nan speur, De ’n ceileireadh grianach car greis; Cha sheinn iad am maidnein gu h-ard, No ’m feasgarain chrabhach ’s a’ phreas: Cadal clu-mhor gu ’n dean anns gach cos, Gabhail fasgaidh am frogan nan creag; ’S iad ri ionndrain nan gathannan blath Bhiodh ri dealradh fo sgaile do theas. Cuirear daltachan srian-bhuidh’ nan ros Bharr min-chioch nan or-dhithein beag,— Sinean gucagach lilidh nan lon, Nam fluran ’s geal-neoinein nan eag, Cha deoghlar le beachainn nam bruach, Croidhidh fuarachd car cuairt iad ’nan sgeap; Cha mho chruinnicheas seillein a mhal, ’S thar geal ur-ros chrann garaidh cha streap. Tearnaidh bradan, a’s sgadan, ’s gach iasg, Bho d’ iarguin gu fiath-ghrunnd nan loch; ’S gu ’m fan air an aigein dhubh-dhonn, Ann an doimhneachd nam fonn a’s nan sloc: Na bric tharr-ghealach, earr-ghobhlach, shlim, Leumadh meardha ri usgraichean chop, ’N an cairtealan-geamhraidh gu ’n tamh, Meirbh, samhach, bho ’n thamh thu fo ’n “ghlobe.” Chas a’s ghreannaich gach tulach ’s gach tom, ’S doite lom chinn gach fireach ’s gach glac; Gu ’n d’ odhraich na sitheinean feoir, Bu lusanach feoirneineach brat; Thiormaich maghannan ’s ruadhaich gach fonn; Bheuc an fhairge ’s ro thonn-ghreannach gart; ’S gu ’n d’ sgreataich an dudlachd gach long, ’S theid an cabhlach ’na long-phort a steach. Neulaich paircean a’s miodar gu bas, Thuit gach fasach ’s gach aite fo bhruid; Chiaraich monadh nan iosal ’s nan ard, Theirig dathannan grasmhor gach luig: Dh’fhalbh am faileadh bha taitneach ’sam fonn; Dh’ fhalbh a mhaise bharr lombair gach buig; Chaidh an eunlaidh gu caoidhearan truagh, Uiseag, smeorach, a’s cuach, agus druid. A fhraoich bhadanaich, ghaganaich, uir, Do ’m b’ ola ’s do ’m b’ fhudar a’ mhil, B’ i bhlath ghrian do thabhachd ’s gach uair, Gu giullachd do ghruaige le sgil; ’S a’ mhadainn-iuchair ’n uair bhoillsgeadh a gnuis Air buidheannan driuchdach nan dril. B’ fhior chubhraidh ’s gu’m b’ eibhinn an smuid So dh’ eireadh bharr cuirnain gach bil. Gu ’n theirig subh-thalmhann nam bruach, Dh’ fhalbh an cnuasach le’n trom-lubadh slat; Thuit an t-ubhal, an t-siris, ’s am peur, Chuireadh bogh’ air a’ gheig anns a’ bhad; Dh’ fhalbh am bainne bho ’n eallaich air chul, Mu ’m bi leanaba ri ciucharan bochd; ’S gus ’n till a’ ghrian gu “sign Thauruis” nam buadh, ’S treun a bhuadhaicheas fuachd agus goirt. Theid a’ ghrian air a thurus mu ’n cuairt Do “thropic Chapricorn” ghruamaich gun stad Bho ’n tig fearthuinn chruinn, mheallanaich, luath, Bheir a mullach nan cruaidhteachan sad; Thig tein’-athair, thig torunn ’n a dheigh, Thig gaillionn, thig eire nach lag; ’S cinnidh uisge ’n a ghloineachan cruaidh, ’S ’na ghlas-leugan min, fuar-licneach, rag. A mhios nuarranta, gharbh-fhrasach, dhorch, Shneachdach, cholgarr’ is stoirm-shionach bith; Dhisleach, dhall-churach, chathach, fhliuch, chruaidh, Bhiorach bhuagharra, ’s tuath-ghaothach cith; Dheigheach, liath-reotach, ghlib-shleamhain, gharbh, Chuireas sgiobairean fairge ’n an ruith; Fhlichneach, fhunntainneach, ghuineach, gun tlaths: Cuiridh d’ anail gach caileachd air chrith. A mhios chnatanach, chasadach, lom, A bhios trom air an t-sonn-bhrochan dubh; Churraiceach, chasagach lachdunn a’s dhonn, Bhrisneach, stocainneach, chom-chochlach, thiugh; Bhrogach, mheatagach, pheiteagach, bhan, Imeach, aranach, chaiseach gun ghruth; Le ’m miann bruithaiste, mairt-fheoil a’s cal, ’S ma bhios blath nach dean tair’ air gneth stuth. A mhios bhrotagach, thoiteanach, shoigh, Ghionach, strodhail, fhior-gheocail gu muic; Liteach, laganach, chabaisteach, chorr, Phoiteach, romasach, roiceil, gu sult; ’S an taobh-amuigh ged a thubh sinn ar com, Air an t-aileadh gheur, tholltach, gun tlus, ’S eudar dram ol mar linigeadh cleibh, A ghrad-fhadai’s tein-eibhinn ’s an uchd. Bidh greann-dubh air cuid mhoir de ’n Roinn-Eorp’, Bho ’n a lagaich sgeamh ordha do theas; Do sholus bu sholas ro mhor, Ar fradharc ’s ar lochran geal, deas; Ach ’n uair thig e gu “Gemini” ris, ’S a lainnir ’s gach righeachd gu ’n cuir, ’S buidhe soillsein nan coirein ’s nam meall, ’S riochdail fiamh nan or-mheall air a’ mhuir. ’S theid gach salmadair ball-mhaiseach, ur, An crannaig chubhraidh chraobh dluth-dhuilleach, cas; Le ’n seol fhein a sheinn “hymns” ’sa thoirt cliu Chionn a’ “phlanet” so chursadh air ais; Gu ’m bi coisir air leth anns gach geig, An “dasgan” eibhinn air reidh-shlios nan slat, A’ toirt lag-iobairt le ’n ceileir do ’n Triath, Air chol chorraibh nan sgiath anns gach glaic. Cha bhi creutair fo chopan nan speur, ’N sin nach tionndaidh ri speirid, ’s ri ’n dreach; ’S gu ’n toir “Phoebus” le buadhan a bhlais, Anam-fais daibh a’s caileachdan ceart; ’S ni iad aiseirigh choitchionn a ’n uaigh, Far ’n do mheataich am fuachd iad a steach; ’S their iad guileag—doro-hidala-hann, Dh’ fhalbh an geamhradh ’s tha ’n samhradh air teachd! NADUR EILE. Tha bean-uasal a Montreal a’ sgriobhadh:—“Tha K. D. C. an deigh m’ fhear-posda a thoirt o bhi ’na mhnathan gu bhi na dhuine caoimhneil, gradhach.” Cha ’n e mhain gu bheil esan a th’ air fhagail crosda, greannach, le droch stamaig, ’na sharuchadh dha fhein, ach tha e na throm-uallach air feadhain eile. ’S ann gle ainneamh a gheibhear sonas comhla ri neach air am bheil an tinneas so, agus bha lan aobhar aig a mhnaoi-uasail so air a bhi taingeil do K. D. C. air son a fear-posda a thoirt o bhi cho crosda ri mathan gu bhi ’na dhuine caoimhneil, gradhach. K. D. C. air son na stamaig, agus K. D. C. Pills air son a chuim. Cuirear sampuill ugad a nasguidh. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Am Feillire. OCTOBER, 1898. 1 Di-satharna Blar na Leargainn, 1263. 2 DI-DONAICH 17mh Donaich na Trianaid. 3 Di-luain Blar Allt Chuailleachain, 1594 4 Di-mairt 5 Di-ciaduin Blar Dhunchaillinn, 1315. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine 8 Di-satharna Losgadh Chicago, 1871. 9 DI-DONAICH 18mh Donaich na Trianaid. 10 Di-luain 11 Di-mairt Faotainn a mach America, 1492. 12 Di-ciaduin 13 Dior-daoin 14 Di-haoine Breith Uilleam Penn, 1644. 15 Di-satharna Breith Ailein Ramsay, 1686. 16 DI-DONAICH 19mh Donaich na Trianaid. 17 Di-luain Tuiteam Sebastopol, 1854. 18 Di-mairt 19 Di-ciaduin Bas Chandlis 1873. 20 Dior-daoin 21 Di-haoine Bas Raibeirt Ghordain, 1853. 22 Di-satharna 23 DI-DONAICH 20mh Donaich na Trianaid. 24 Di-luain Bas Dhaniel Webster, 1852. 25 Di-mairt 26 Di-ciaduin 27 Dior-daoin Breith Sheumais Mhic Mhuirich, 1736. 28 Di-haoine 29 Di-satharna Blàr Charrochaidh, 1562. 30 DI-DONAICH 21mh Donaich na Trianaid. 31 Di-luain Oidhche Shamhna. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 1, M. 51 M An Solus Ur, L. 15, U. 8, M. 23 M A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 4, M. 55 M An Solus Lan, L. 29, U. 8, M. 4 M DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 104] [Vol. 7. No. 13. p. 8] BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt R. Mac Neill, Sidni, C. B. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 105] [Vol. 7. No. 14. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 28, 1898. NO. 14. OISEIN AGUS A’ GHRIAN. Thar leam gu bheil ceithir miosan on sgriobh Domhnull Mac Leoid litir á Detroit a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, anns an d’ iarr e Gàidhlig ’fhaotainn air an earann de Charthonn, anns am bheil Oisein a moladh na gréine. Tha Domhnull gu soilleir a’ ciallachadh Beurla Mhic-a’-Phearsain a thrus dàin Oisein, a dh’ eadartheangaich iad, agus a chuir iad ann an sgeadachadh Beurla. Gun teagamh tha meas mor aig Domhnull air na briathran milis anns an do chuir Mac-a’-Phearsain ann am Beurla, smuaintean oirdheirc Oisein, bàrd Sheallama, bàrd na Feinne, bàrd nan caomh dhàn ’us nam beusan ciuin. Tha Domhnull gu dileas ag iarraidh eolas fhaotainn air briathran blasda, boidheach Oisein fein. Sgriobh Domhnull briathran laghach mu Chona, ’s tha Cona ’tabhairt buidheachas moir da air-son gach focal caoimhneil a sgriobh e. Ach is e beachd Dhomhnuill gu bheil mise tuille ’s cruaidh ’us trom air na Stàidean. Cha ’n ’eil idir. Cha ’n ’eil agamsa ach meas seasmhach air gach Gàidheal a tha ’tuineachadh anns na Stàidean, ’us a tha cosmhuil ri Domhnull, a’ teachd air an aghaidh gu tapaidh, surdail, duineil, ’us a tha ’cosnadh maoin ’us ainm le ’n dealas, le ’n gliocas, ’us le ’n durachd fein. Is ann do luchd-riaghlaidh nan Stàidean a tha mi ’faotainn coire, do bhrigh gur e ’n run agus an abhaist daonnan, slighe cealgach, cam, ’us doighean claon, fiar a roghnachadh agus a leantuinn anns gach cuis ’us aimhreit a bhitheas eadar iad fein agus Breatunn. Bha ’n luchd-riaghlaidh a tha ’n diugh ann an Ottabha, daonnan a’ glaodhach a mach air-son cairdeas dluth anns gach malairt iarraidh agus fhaotainn eadar Canada ’us nan Stàidean. Tha comunn lionmhor, foghluimte, bho cheann miosa no dha cruinn am baile Chuebeic, air-son an da dhùthaich a nasgadh le bannaibh laidir, uasal, tabhachdach. Is mor m’ eagal gu sgaoil an comunn eireachdail so gun moran maith a dheanamh. A reir gach coslais cha tabhair na Stàidean ni air bith seachad a’s urrainn iad a ghleidheadh doibh fein, agus mur bi luchd-riaghlaidh Chanada dileas d’ an dùthaich fein, faodaidh iad a dhol air turus duilich gus an airde tuath no gus an airde deas, oir cha bhi iad ann an ughdarras car seachduin an deigh do ’n phàrlamaid cruinneachadh ann an Ottabha. Tha tuille ’s a choir am measg daoine mora nan Stàidean de ’n fheallsairachd so: “An ni ’s leatsa, is leamsa; ’s a ni ’s leamsa, is leam fein e.” Is gle chinnteach ’tha mi nach ’eil Domhnull ag iarruidh no ’gabhail ach a chodach fein; agus gur e ’run suidhichte ’chuid fein a thabhairt gu toileach, onorach do gach neach eile, am feadh a tha e ’g iarraidh gach ni ’s airgiod a bhuineas gu ceart, firinneach, neo-eisimealach da fein agus da fein a mhain. Tha MAC-TALLA ’s mi fein air na h-oghachan, agus air an aobhar so, ma dh’ fhaoidte gu tabhair mi ann an uine ghoirid, eachdraidh bheag air an doigh anns an do chruinnich agus anns an do chlodh-bhuail Mac-a’-Phearsain dàin Oisein. Tha e soilleir nach d’ fhuair Domhnull Gàidhlig Oisein mu ’n ghréin ann an Gàidhlig dàin Oisein, a bha air a chlodh-bhualadh ann an 1805. Chailleadh moran de na Ghàidhlig a bha aig Mac-a’-Phearsain an uair a dh’ eadar-theangaich e smuaintean oirdheirc Oisein, bàrd iomraiteach na Feinne, ’s a dh’ uidheamaich e iad ann an trusgan maiseach, grinn Sasunnach. Ann an 1816, chuir da bhrathair, Eoghann agus Iain Mac Chaluim, a mach cruinneachadh gasda, laidir, lasgarra de dhuain Oisein, Orrainn, Uilin, agus bàird eile. Tha Oisein do ’n ghrein ann am eiridh agus ann am luidhe, r’ am faotainn ann an doigh thaitneach, bhlasda anns an leabhar so. Tha mi le deoin togarrach a’ cur an da laoidh bhrioghmhoir, luraich, àluinn so ’dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, anns an litir so, a’ chum gu faigh an Gaidheal blath-chridheach Domhnull, an t-eolas air am bheil e an toir, agus gu faic luchd-leughaidh MHIC-TALLA mar an ceudna, cia co boidheach, druighteach, snasmhor, ’s a bha smuaintean ’us faireachduinnean a’ bhàird, ged nach robh aige ach a bhreithneachadh fein am feadh a bha e ’faighneachd mu thoiseach ’us mu dheireadh na greine, na gealaich ’us nan reul. Cha do sgriobh Mac Aulaidh riamh (agus is ro-mhaith a b’ aithne da Beurla mhilis, ghlan, laidir, fhuaimneach a sgriobhadh) briathran a’s aille dreach, ’us maise, ’s treubhantas, na na briathran a sgriobh Tormoid Mac Leoid mu na ghrein: “Tha ’ghrian do ’n t-saoghal nadurra mar a ta spiorad na beatha do mac an duine. Is e a teas a ta ’toirt fais do luibhibh na macharach; agus an uair a sgaoileas i caomhalachd na gloir-mhaidne mu ’n cuairt di, bithidh gach creutair sunndach le a lathaireachd, suilbhir agus aighearach le a tiodhlacaibh. Le a teas eiridh miltean do chuileagan sgiathach gu beatha. Clisgidh na h-eoin o ’n cadal, agus doirtidh iad a mach an ceileirean ceolmhor ann an co-sheirm chiuil, ’nuair a mhothaicheas iad a blaths. Le meilich bheir na treuda buidheachas airson teachd na maidne ciuine, agus innsidh am buar le ’n ard-gheumnaich an taingealachd. Aithrisidh na gleanntan an ceol ceudna, agus freagraidh na cnuic do ’n fhonn. Bheir teas na greine air gach luibh a tha air aghaidh na talmhainn fas gu h urar agus gorm. Comhdaichidh e na craobhan le duilleach; a’ mhachair le arbhar agus meas; na sleibhtean le buar agus treudaibh; agus cridhe an duine le gairdeachas agus taingealachd.” Na abradh duine air bith gu brath, a thuigeas cainnt aluinn Mhic Leoid mu na ghrein: nach ’eil aig a’ Ghàidhlig buaidhean urramach, ghleusda, morail, uasail; agus nach ’eil comas follaiseach aice air an t-àite ’s airde ’s a’s measaile ’fhaotainn am measg canainean an t-saoghail gu h-iomlan.— OISEIN DO ’N GHREIN ANN AM EIRIDH. O, thusa fein a shiubhlas shuas, Cruinn mar lan-sgiath chruaidh nan triath! Cia as tha do dhearsa gun ghruaim, Do sholas tha buan, a ghrian? Thig thu ann ad aille threun, Is fol’chidh reultan uainn an triall; A’ ghealach ’g a dubhadh san speur, ’Ga cleith fein fo stuaidh san iar! Tha thusa na ’d astar a mhain! Co tha dan a bhi na d’ choir? Tuitidh darag o ’n chruaich ard, Tuitidh carn fo aois is scorr! Traighidh agus lionaidh ’n cuan, Fol’chear shuas an reult san speur; Tha thus’ a d’ aon a chaoidh fo bhuaidh, An aoibhneas bhuan do sholuis fein! ’Nuair dhubhas m’ an domhan stoirm, Le torrunn borb is dealan luath; Seallaidh tu ’n’ ad aille o’n toirm, Fiamh ghair’ ort am bruaillean nan speur! Ach dhomhsa tha do sholus faoin, ’S nach fhaic mi a chaoidh do ghnuis, A’ sgaoileadh cul is ord-bhuidh’ ciabh Air aghaidh nan nial san ear. A’ fogradh na h-oidhch’ o gach àit, Ach suil a’ bhàird cha ’n fhaic do sholus; No ’nuair a chritheas anns an iar, Aig do dhorsaibh ciar, air lear. Ach amhuil so, aosda, lag, liath, Bidh tusa fhathast ’nad aonar; Do shiubhal ’s na speuraibh mall, ’S tu dall mar mis’ air an fhaonach. Doilleir mar ghealach nan trath Bidh d’ annra ’s tu siubhal nan speur; Caismeach na maidne cha chluinn thu Mar na suinn bhios gun luaidh air eiridh. An sealgair seallaidh fo ’n raon, Ach cha ’n fhaic e d’ aogas air teach; Bruchdaidh’ dheoir, is e pilleadh fo smallan A mhadaidh mo ghraidh, threig a’ ghrian sinn. ’S maith dh’ fheudt’ gu bheil thu mar mi fein, ’S anam gu treun, ’s gun fheum air ann; Ar bliadhnan a’ tearnadh o’n speur, A siubhal le cheile gu ’n ceann. Biodh aoibhneas ort fein, a ghrian, ’S tu neartmhor a’ triall a’ t’oige; Is bronach, mi-thaitneach an aois, Mar ghealach fhaoin san speur, A’ ruith fo neul air an raon, ’S an liath-cheo ri taobh nan carn; An osag o thnath air an reidhlinn ’M fear-siubhail fo bheud ’s e mall! Bidh aoibhneas air soluis na h-oidhche, ’N tra bhios mac na soills’ air triall. OISEIN DO’N GHREIN ’AN AM LUIDHE. An d’ fhàg thu gorm astar nan spéur, A mhic gun bheud, is òr-bhuid’ ciabh? Tha dorsa na h-oidhche dhuit réidh, Agus pailliun do chlos san Iar. Thig na tonna mu’n cuairt gu mall, A choimhead fir a’s gloine gruaidh; A’ togail fo eagal an ceann: Ri t’fhaicinn co àillidh a’ d’ shuain, Theich iadsan gun tuar o d’ thaobh. Gabhsa codal ann ad uaimh, A ghrian, a’s pill o d’chlos le h-aoibhneas. Mar [?] gréine sa’ gheamhradh, ’S e ruith ’na dheann le raon Lèna, Is amhuil sin làithe nam Fiann, Mar ghrian eadar-fhrasach a’ tréigsinn. Dh’ aom neòil chiar-dhubh nan spéur, A’s bhuin iad ’n deò aoibhinn o’n t-sealgair Tha lom-gheugan na coill a’ caoidh; ’S maoth lusrach an t-sléibh a’ seargadh; Ach pillidh fathast a’ ghrian, Ri doire sgiamhach nan geur ùr, Is ni gach crann sa’ chéitein gàire ’G amharc ’n àird ri mac nan spéur. Bheir mi mo bheachdan fein anns an ath litir air an da laoidh aluinn so. Bu choir do gach Gàidheal an da laoidh chrabhach, ghreadhnach so ’ionnsachadh, agus mar so comas a bhi aca air smuaintean oirdheirc Oisein a bhi daonnan maille riu. Tha mi ’tabhairt mo dheadh-bheannachd do Dhomhnull Mac Leoid, ann an Detroit; agus tha dochas laidir agam gu faigh e iomadh Gaidheal eile anns na Stàidean a bhitheas co measail air MAC-TALLA ’s a tha e fein, ’us a bhitheas co dileas le guth ’us airgiod ’s a tha Domhnull e fein. CONA. A FRAMBOISE. FHIR-DEASACHAIDH CHOIR,—Is fhada bho ’n nach fhaca mi facal ann ad phaipeir gasda as a chearn so de ’n dùthaich, agus tha mi ’n dùil nach bi thu crosda rium féin airson mo phàirt dhe ’n dearmad mhor sin. Cha b’ ann le suarachas sam bith a rinn mi e, ach a mhain a chionn nach robh mi faicinn MHIC-TALLA uair air bith ann am feum cuideachaidh, a b’ urrainn mise [TD 106] [Vol. 7. No. 14. p. 2] ann an rathad sgriobhaidh a dheanamh leis. Cha robh MAC-TALLA riamh cho eireachdail ’sa tha e nis: lan de naigheachdan brioghmhor. Faodaidh gu bi muinntir a talach air, air a bhonn nach ’eil cuid de na Sgeulachdan Arabianach a tha teachd leis, gle fhirinneach. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ’eil còir againn an t-olc a chronachadh annain féin agus ann am muinntir eile, agus is i so a cheist: gu de a theireadh tu rium fein nan abrainn nach b’ fhiach MAC-TALLA a chionn gu ’n robh na sgeulachdan ud ann; agus ma dh’ fhaoidte aig a cheart àm gun suidhinn sios gu bog, balbh, a leughadh novel gun seadh, de sheòrsa eiginn, gus am fàsadh mo shùilean mall, agus nach b’ urrainn mi leithsgeul sam bith a chur air chois, ach gu ’n abrainn gu ’n robh mi ’smaoineachadh nach robh coire sam bith an leughadh a chionn gur h-ann ’sa Bheurla ’bha iad sgriobhte. Saoilidh mi gur h-ann a theireadh tu, gun robh mi rud-eigin coslach ris an fheadhain “a shiolaidheas a mheanbh-chuilleag, ’sa shluigeas” (cha ’n abair mi ’n càmhal) ach co-dhiu their mi “cnapach math gamhna.” Dh’ fhàs bàrr na talmhainn gle mhath ’san t-samhradh; ach mu ’n d’ fhuair e abuchadh, thàinig side thais agus fhliuch. Bha moran de ’n fheur air a mhilleadh mu ’n d’ fhuair sinn a chur fo dhion; agus thainig gaiseadh ’sa bhàrr choirce leis a mheirg; ach tha mi ’n dùil ga ’m bi buntàta gu leoir againn. Chaochail seann duine còir an so, air an naodhamh latha de ’n mhios so—Aonghas Mac Fhionghain. Bha e ’na eildeir ’san eaglais againn a chionn àireamh mhor bhliadhnaichean. Bha e ’na dhuine còir, caoimhneil; is chuir naigheachd a bhàis gruaim air na h-uile d’ am b’ aithn’ e. Bha e mu thimcholl ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Cha dean mi dearmad air innse dhuit gun do phòs aon de fhleasgaich òg a cho-thional againn air an t-seachdain s’a chaidh. B’e ’m fleasgach tapaidh sin, Coinneach H. Mac Fhearghais; agus b’i Màiri A., nighean do Thormad Domhnullach, a mhuinntir Loch Lomond, a bhean òg; agus cha ’n ’eil teagamh againn nach do rinn e deagh roghainn. Tha sinn a guidhe saoghal fada, “’S a h-uile latha sona dhaibh, ’s gun aon latha dona dhaibh.” Ma bhios mi beò ’s air chothrom, cha bhi mi cho fada gun sgriobhadh a rithist. Do sheann charaid, CEANN LIATH. LITIR A CEAP NOR. A CHARAID,—Gheall mi sgriobhadh do ’ur n-ionnsuidh a rìs ’n uair a bhiodh ùin’ agam, agus ’s eiginn a nis teannadh ris a ghealladh a choimh-lionadh, ged nach math is aithne dhomh ciod a sgriobhas mi. Coma co dhiù, a ni a thig a’ m’ ionnsuidh bheir mi dhuibh. Tha cuid am beachd gu bheil sinne cho fad’ air chùl an t-saoghail ’s nach urrainn dad do naidheachdan fiachal a bhi againn ri’n aithris. Gleidheadh iadsan am beachd sin cho fad ’s a thogras iad, ach bidh air beachd fein againne. Bu chòir dhomh ’bhi air innseadh dhuibh roimhe so mu ’n chomh-chruineachadh a bh’ againn an so air an dàrna là de dh’ Ogust s’a chaidh—an là ’san deachaidh Mr. Peutan a shuidheachadh mar mhinistear ’n ar measg. A thuilleadh air na dithis missionaries—Mr. Buchannain agus Mr. Grannd—bha naoinear mhinistearan a làthair. So dhuibh na h-ainmean aca, agus is airidh gach aon dhiubh air àite ’sa MHAC-TALLA: Mr. Cuimein, Pictou; Mr. Thorpe; Mr. Mac Raing, Sidni; Mr. Foirbeis, Glace Bay; Mr. Foirbeis, Sidni; Mr. Jack, Sidni Tuath; Mr. Domhnullach, Srath-lathuirne; Mr. Mac Leoid, Baile nan Gall; agus Mr. Friseal, Cladach a Tuath. Thainig soitheach-smùide le àireamh dhiubh sud a dh’ ionnsuidh a chladaich againn, agus dh’ fheith i riu an sin gus an robh iad ullamh gu pilleadh air an ais. Tha mi ’m barail gu ’n robh iad uile riaraichte le ’n turus do ’n àite; agus faodaidh sibh a bhi cinnteach gu ’n robh an cuairt ghoirid ’na thoileachadh agus ’na riarachadh dhuinne. Tha sinn duilich gu bheil Mr. Friseal air a bhi ’na laidhe le euslaint o chionn da mhios, ach ’se ar dòchas nach buannaich e fada gun dol am feobhas. Dh’ innis mi cheana cho truagh ’sa thionndaidh an crithneach a mach, agus cha ’n ’eil an coirce idir cho math ’s a shaoil sinn. Tha moran a’ gearan air gainne ’bhuutàta; ach tha beagan theaghlaichean ’nar measg aig am bheil gu leòr dhoibh fein, ach nach urrainn moran a sheachnadh. Chaill mo choimhearsnach, Ruairidh Mór Moireastan, a thigh (agus gu ìre bhig na bha ’na bhroinn) le teine, o chionn seachdain. Cha robh ball de’n teaghlach am fradharc an taighe ’n uair thoisich an teine, agus ’n uair a chunnacas e bha e ’n deigh a leithid a ghreim fhaotainn ’s nach gabhadh e bacadh. ’S e so an gaisgeach a bha iomraiteach ’na là mar ghearradair fiodha. ’S beag nach cuireadh e ’n tuagh anns an fhiodh chruaidh a dh’ ionnsuidh na coise, leis gach stràchd. Ged tha e nise beagan bhliadhnaichean thairis air an tri fichead, tha e air feadh na coille cho sunndach ri duine òg, a tional fiodha air son taigh ùr a thogail. ’S dòcha, ma bhios mi beo, gu ’n innis mi dhuibh anns an ath litir, ni-eiginn mu thimchioll an là bhòtaidh anns an àite so. Dh’ fhaodadh sinn a bhi air deanamh moran na b’ fhearr na rinn sinn, ged nach e ’h-uile h-àite rinn cho math. Bhòt da fhichead ’sa coig an aghaidh na deoch-làidir, agus dithis leatha. M. D. Ceap Nòr, Oct. 14, ’98. Tha caraid amaideach moran ni ’s triobhlaidiche na namhaid aig am bheil gliocas. AM BARD MAC ODRUM AGUS NA TAILLEIREAN. Bho chionn tacan ùine bha cuideigin anns a MHAC-TALLA ’cur fios an robh duine ann a b’ aithne dad mu dheighinn a Bhàird Mhic Odrum. Bha mise feitheamh an dùil gu ’n tigeadh cuid-eigin a mach a b’ fhearr na mi féin. Bha Mac Odrum a fuireach an Uidhist a Chinn a Tuath, an àite ris an abradh iad Taobh Loch Euphort. Bha ’n t-àite anabarrach fad’ bho dhaoine. Cha bhiodh na tailleirean deònach a dhol a dh’ obair ann; cha bhiodh spòrs gu leòr ann, na dannsa, na dad do ’n t-seòrsa sin. Bhiodh a bhean a deanamh piosan clò; ’s chaidh e dh’ iarraidh tailleir uair no dha ’s cha tigeadh iad. Rinn e an sin òran dhaibh, agus ’nuair a chual’ iad an t-òran thug iad bòid nach fuaighleadh iad greim dha ged a bhiodh e falbh rùisgte. Bhiodh Morair Chlann Dhomhnuill a tighinn tacan do ’n dùthaich a h-uile samhradh, ’s bhiodh coisir do dhaoine uaisle eile maille ris. Bhiodh greadhnachas mor ann an latha ’thigeadh e; bhiodh moran do ’n tuath a cruinneachadh far am bitheadh e, ’ga mholadh fhéin, ’sa moladh athar ’sa sheanar. Bha Mac Odrum ’s toil aige bhi nam measg; bha nàir’ air a dhol ann cho luideach, ach chaidh e ann ’s dh’ fhuirich e ann an iomall na cuideachd. Thug am Morair an aire dha. Dh’ fharraid e dha ’n duine ’bha ri thaobh co ’n duine bochd a bha sid. Ars’ an duin’-uasal, “Sid Mac Odrom am bàrd!” “Agus gu de chuir cho luideach e?” ars’ am Morair. “Tha,” ars’ esan, “nach fhaigh e taillear a ni car dha.” “’S cinnteach nach ’eil e ’gam pàigheadh, mata,” ars’ am Morair. “Tha,” ars’ an duin’-uasal; “ach rinn e òran doibh, ’s cha tig duine aca uige.” “Abair ris tighinn far am bheil mi,” ars’ am Morair. Thainig Mac Odrum a nuas, ’s dh’ fhoighneachd am Morair dheth gu de chuir cho rùisgte sud e. Dh’ innis esan nach fhaigheadh e taillear. Thubhairt am Morair ris an duin’-uasal, “Thoir thusa dha deise aodaicdh air mo chosg-sa, ’s bheir mise dha ’n t-àite ’sa bheil e fuireach saor gun mhàl.” ’S e so pàirt dhe ’n òran a rinn e dha na tailleirean:— Bho thachair dhomh bhi ’m ònaran Mo chòmhnuidh anns na baghannan, Tha m’ aodaichean air chòrnaibh ann ’S cha chum iad deò dha’n àileadh bhuam; Gun d’ thainig a samhradh orm Le gealltannas nan tàilleirean, ’S gun aon fhear beò ’san dùthaich dhiubh Aig bheil ri chunntas fàrdain orm. Labhair mi ri Mac Bhiocair ’Se ghealladh tric a shàruich mi; Gheall e ’m bliadhna, gheall e ’n uiridh, Dh’ fhuirich e ’s cha d’ thainig e; Cha dean mi tuilleadh briodail riut Gu bheil mi sgith dhe t’ àbhartan, Ach ’s truagh nach d’ rinn iad griasaich dhiot, Dh’ am biodh na briagan nàdurach. Labhair mi ri Lachlunn Air a chladach, ged bha t-Sàbaid ann; ’S e thuirt e rium nach ceaird A bha ri smaointean anns na làithibh so; “Nach faic thu féin bean òg agam Nach leig ga deòin air fàlchur mi, Ma dh’ fhalbhas mi choisich mi, ’S cha bhi mi nochd an Càirinnis.” Ach saoil sibh féin, ’s nach neònach leibh An spòrs a dh’ fhàs ’s na tàilleirean, Faire, faire! co bhios ann, Ma dh’ fhoghnas dannsa ’s gaireachdain; Ma bheireas dragh na trilleach orra, Drip a mhnaoi ’s na paisdean orra, Chitear feadh na tireadh iad Nan aoidheachdaich ’s nan anracaich. Am faca sibh mac-samhaill Do na mnathan aig na tailleirean, ’N àm éiridh anns a mhaduinn Gun dad ac’ chuireas blàths orra; ’S a h-uile dad de riantanas ’Ga iarraidh air na nàbuidhean, ’S an té bheir ulltach mòine dhi, Bheir Dia na glòrach pàigheadh dhi. CALUM MAC FHEARGHAIS. Port Morien, C. B. SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. IV. An uair a chunnaic mi gu’n deachaidh i mach as a’ bhuthaidh ann an corruich, chuir e dragh air m’ inntinn. Chaidh mi ’mach as a deigh, agus thuirt mi, “A bhaintighearne, an dean sibh de dh’ fhabhar rium na thilleas a steach do’n bhuthaidh? Is docha gu’n teid agam air bhur toileachadh ’nar dithis.” Thill i steach do’n bhuthaidh comhladh rium, agus thuirt i gu’m b’ ann air mo shon fhein a thill i, agus nach b’ ann air a shon-san. Thuirt mi ris a’ mharsanta gu ’m b’ ann dhomhsa bhuineadh an t-suim a a bha e ’g iarraidh air son a’ phios aodaich. “Thoir thusa do’n mhnaoi-uasail e ma ta,” arsa mise. “Bheir mi dhut ceud peighinn de phrothait as, agus cuiridh tu sios ann an sgriobhadh gu’m bheil mi ’g a ghealltainn so dhut, air dhoigh ’s gu’n cum thu uam e an uair a bhios sinn a’ deanamh suas na cunntais.” Rinn e mar a dh’ iarr mi air, agus chuir mi m’ ainm ris a’ phaipear a sgriobh e, agus thug e an t-aodach do’n mhnaoi-uasail. “A bhaintighearna,” arsa mise, “bheir thu leat an t-aodach. Agus m’ a dheidhinn an airgid, faodaidh tu ’chur ugam am maireach, no latha sam bith eile; air neo ma thogras tu, faodaidh tu ghabhail uam mar ghean-math.” “Tha mi ’g iarraidh mathanais ort,” ars’ ise, “cha’n ’eil mi ’ga iarraidh mar ghean-math idir. Tha thu cho fior chaoimhneil rium ’s nach bu choir dhomh d’ aghaidh fhaicinn gu brath tuilleadh mur nochd mi mo thaingealachd dhut. Gu’m paigheadh Dia thu le tuilleadh a chur ri do storas; agus guidheam dhut a bhith iomadh bliadhna beo an deigh mo bhais. Gu’n robh geata neimh fosgailte dhut aig uair do bhais, agus gu’n labhradh gach aon de shluagh a’ bhaile air do chliu.” Thug na briathran so misneach dhomh, agus thuirt mi, “Cha’n iarr mi de dhuais air son na nochd mi de [TD 107] [Vol. 7. No. 14. p. 3] chaoimhneas dhut ach gu’n toir thu dhomh sealladh ceart dhe d’ aghaidh. Ma ni thu so, bidh mi paighte gu leor.” Cha bu luaithe thuirt mi so na thionndaidh i rium, agus thug i an srol gu buileach bhar a h-aghaidh. Agus b’ e sin an aghaidh bu mhaisiche air an do sheall duine riamh. Cha robh fhios agam ciod a theirinn an uair a chunnaic mi i. Cha’n iarrainn mo shuil a thogail dith gu brath. Ach air eagal gu’m faiceadh neach sam bith eile a h-aghaidh, chuir i an srol oirre mar a bha i roimhe, thog i leatha am pios aodaich, agus dh’ fhalbh i. Dh’ fhag i mise ann an staid inntinn anns nach robh mi riamh roimhe. Bha mi car uine ann an iomachairt mhoir. Mu’n d’ fhalbh mi as a bhuthaidh, dh’ fheoraich mi dhe ’n mharsanta co bu leis i. Agus thuirt e rium gu ’m bu le aon de dh’ ard-uaislean a’ bhaile i, agus gu’n d’ fhag a h-athair moran airgid aice an uair a dh’ eug e. An uair a thill mi do’n taigh-osda ’s a shuidh mi aig mo bhiadh, cha b’ urrainn mi greim itheadh; agus cha mho na sin a b’urrainn mi mo shuil a dhunadh fhad na h-oidhche, ged a chaidh mi do’n leabaidh. Ar leam gu ’m b’ i sid an oidhche a b’ fhaide a dh’ fhairich mi riamh. Ann an soilleireachadh an latha dh’ eirich mi, agus chuir mi umam an deise cho math ’s a bh’ agam. Dh’ fhalbh mi cho luath ’s a fhuair mi deiseil feuch am faicinn sealladh dhi gus an tuilleadh eolais a chur oirre. Ghabh mi direach do bhuth a’ mharsanta, agus cha robh mi fad’ innte an uair a thainig a’ bhean-uasal a steach, agus bean-choimhideachd maille rithe. Bha i ann an eideadh moran na bu riomhaiche na’n t-eideadh a bh’ oirre an latha roimhe sid. An uair a thainig i steach, cha do leig i oirre gu’m fac’ i am marsanta, agus labhair i rium mar so:—“Tha thu faicinn gu’m bheil toil agam seasamh ri m’ ghealladh. Thainig mi a dh’aon ghnothach gus an t-airgiod air son an deachaidh tu an urras orm an de a phaigheadh. Bha e gle mhath dhut a dhol an urras orm, agus gun eolas sam bith agad orm. Cha dichuimhnich mi do chaoimhneas gu brath.” “A bhaintighearna,” arsa mise, “cha ruigeadh tu leas a bhith cho cabhagach; cha robh eagal sam bith orm mu ’n airgiod, agus tha mi duilich gu’n do chuir thu thu-fhein gu dragh sam bith m’a dheidhinn.” “Cha bhiodh e ceart dhomh,” ars’ ise, “gun tighinn leis an deigh cho caoimhneil ’s a bha thu rium.” An uair a thuirt i so thug i dhomh an t-airgiod, agus shuidh i ri m’ thaobh. An uair a fhuair mi an cothrom so air an tuilleadh eolais a chur oirre, rinn mi feum math dheth, agus dh’ innis mi dhi gu’n do thuit mi ann an gaol oirre. Ach dh’eirich i le cabhaig agus dh’ fhalbh i, mar gu’m biodh i diumbach dhiom a chionn mi dh’ innseadh dhi gu’n do thuit mi ann an gaol oirre. Bha mi ’g armharc oirre gus an deachaidh i as mo shealladh. An uair a chaill mi sealladh oirre ghabh mi mo chead dhe ’n mharsanta, agus dh’ fhalbh mi ’mach as a’ mhargadh ’s gun fhios agam c’aite an robh mi ’dol. Bha mi ’coiseachd air mo shocair agus mi ’smaointean air mar a thachair. Agus dh’ fhairich mi neach ’g am ribeadh o m’ chulaobh. Agus an uair a thionndadh mi dh’ fhaicinn co’ bh’ann, ciod a b’ iongantaiche leam na fhaicinn gur i a’ bhean-choimhideachd a bha maille ris a’ mhnaoi-uasail a bha ’g am ribeadh. “Chuir mo bhana-mhaighstir, tha mi ’ciallachadh, a’ bhean-uasal og a bha ’bruidhinn riut ann am buth a’ mharsanta, mise far am bheil thu a dh’ innseadh dhut gu’m bheil toil aice bruidhinn riut. Ma leanas tu mise bheir mi thu a dh’ ionnsuidh an aite anns am bheil i.” Lean mi i, agus thug i mi gu taigh bancair. Shuidh mi ri’ taobh, agus labhair i rium mar so:—“Na biodh ioghnadh ort, ’fhir mo ghraidh, ged a dh’ fhalbh mi cho ealamh as do chuideachd. Cha robh mi ’meas gu’n robh e iomchuidh dhomh, ann an eisdeachd a’ mharsanta, freagairt fabharrach a thoirt dhut a thaobh na h-aidmheil a rinn thu mu thimchioll a’ ghraidh a th’ agad dhomh. Ach a dh’ innseadh na firinn, thug na thuirt thu rium mor thoileachadh dhomh. Tha mi ’g am mheas fhein anabarrach sona gu’n do thuit do leithid de dhuine gasda ann an gaol orm. Cha ’n ’eil fhios agam ciod an drughadh a rinn a cheud shealladh a chunnaic tu dhiom ort; ach faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi, nach luaithe ’chunnaic mi thu na thuit mi ann an gaol ort. Cha deachaidh tu bhar m’ inntinn o’n de. Agus leis an toil a bh’ agam d’fhaicinn thainig mi gu math trath an diugh do ’n bhuthaidh.” “A bhaintighearna,” arsa mise, agus mi air mo lionadh le gradh ’s le gairdeachas, “cha b’ urrainn dhomhsa sgeul a chluinntinn bu mho a bheireadh de thoileachadh dhomh na’n sgeul a tha thu ’g innseadh dhomh. Cha b’ urrainn gaol a bhith aig fear air te sam bith a’s mo na’n gaol a th’ agam ort o’n a cheud uair a fhuair mi sealladh dhiot. Thug a’ mhaise a chunnaic mi annad air mo chridhe geilleadh anns a’ mhionaid.” “Na biomaid a’ cur seachad na h-uine ann an comhradh gun moran feuma,” ars’ ise, “tha mi creidsinn gu’m bheil gach facal a tha thu ’g radh fior, agus dearbhaidh mi dhuitsa gun dail gu’m bheil uiread de ghaol agam ort ’s a th’ agad fhein ormsa. An cuir thu ’dh’ urram orm gu’n tig thu do’n taigh agam? no, an fhearr leit mise a dhol do’n taigh agad fhein?” “A bhaintighearna,” arsa mise, “cha ’n ’eil annamsa ach coigreach, agus tha mi ’fuireach ann an taigh-osda, aite anns nach ’eil e freagarrach do mhnaoi-uasail mar a tha thusa ’dhol. Tha e moran na’s coltaiche dhomhsa dhol do ’n taigh agadsa, ma dh’ innseas tu dhomh far am bheil e.” “Tha mi ’fuireach air an t-sraid Leathainn,” ars’ ise. “Thig air Di-haoine, mu mheadhain latha, agus feoraich air son an taighe a bh’ aig Abon Schama nach maireann, a bha ’na ard-cheannard air an arm; agus gheibh thu mise anns an taigh.” An uair a thuirt i so, dhealaich sinn; agus bha mi ’gabhail fadachd gu leor gus an tigeadh Di-haoine. ’S a’ mhadainn Di-haoine dh’ eirich mi gu math trath, chuir mi uman an deise a b’ fhearr a bh’ agam, agus chuir mi leith cheud bonn oir ’nam sporan. Thuarasdalaich mi fear aig an robh aiseal gu falbh leam, agus an uair a rainig mi an t-Sraid Leathainn, thuirt mi ris an duine e bha comhladh rium forofhais a dheanamh air son an taighe dh’ ionnsuidh an robh mi ’dol. Rinn e so, agus thug e dh’ ionnsuidh an taighe mi. Phaigh mi gu math e, agus thuirt mi ris a bhith cinnteach gu’n tigeadh e g’am iarraidh trath ’s a’ mhadainn gus mo thoirt do’n taigh-osda. Bhuail mi aig an dorus, agus ghrad thainig dithis shearbhantan beaga, boidheach, ann an eideadh riomhach a dh’fhosgladh an doruis dhomh. “Thigibh a steach ma’s e bhur toil e,” ars’ iadsan, “bha ar banamhaighstir a’ ghabhail fadachd gu leor nach robh sibh a’ tighinn. Bha i ’bruidhinn oirbh gun fhois o chionn da latha.” Chaidh mi steach troimh ’n dorus do chuirt a bha gle fharsuinn. Ann am meadhain na cuirte so bha pailliuin mor, agus bha seachd ceumannan staidhreach a’ direadh thun an dorus aige. Bha e air a chuartachadh le callaid iaruinn, agus bha lios mor-thimchioll air. Bha iomadh seorsa chraobh anns an lios, cuid dhiubh air an robh measan, agus cuid air nach robh. Bha moran eun a’ ceileireadh anns an lios, agus bu taitneach a bhith ’g eisdeachd riutha agus ri fuaim nan tobraichean a bha tilgeadh an uisge os an cionn. Chord an sealladh so rium anabarrach math, gu h-araidh o’n a bha fhios agam gu’n robh an te leis am bu leis gach ni dhiubh ann an trom ghaol orm. Thug na searbhantan a steach mi do sheomar a bha anabarrach mor, briagha. Chaidh te dhiubh, a dh’ innseadh dha banamhaighstir gu’n robh mi air tighinn, agus dh’fhan an te eile comhladh rium. Cha robh mi fad anns an t-seomar an uair a thainig a’ bhean-uasal a steach agus i ann an trusgan a bha anabarrach maiseach le moran sheudan agus dhaoimean. Ach ged a bha ’n trusgan anns an robh i maiseach, bu mhaisiche na sin a h-aghaidh chiuin, bhlath, fhlathail fhein. Bha pearsa ro eireachdail aice. Is gann a ruigeas mi leas innseadh gu’n robh aoibhneas mor orm an uair a chunnaic mi i. An uair a chuir sinn failte air a cheile, shuidh sinn taobh ri taobh air langsaid, agus bha comhradh taitneach eadrainn mu thimchioll iomadh ni. An uair a bha sinn greis a’ comhradh gabh sinn biadh; agus ’na dheigh sin bha sinn a’ comhradh gus an d’ thainig an oidhche. Air an oidhche bha biadh is deoch is ceol againn, agus chuir sinn seachad an oidhche leis gach solas is toileachadh air an robh miann againn. Anns a’ mhadainn an uair a dh’ eirich mi chuir mi an sporran anns an robh an leith cheud bonn oir gun fhios fo’n chluasaig. An uair a bha mi ’gabhail mo chead dhi dh’ fheoraich i dhiom c’uin a chitheadh i rithist mi, thuirt mi rithe gu’n tillinn am beul na h-oidhche. Thug so toileachadh mor dhi, agus lean i thun an doruis mi. Agus an uair a bha mi ’dealachadh rithe thuirt i rium mi bhith cinnteach gu’n seasainn ri m’ ghealladh. (Ri leantuinn.) MAIRI NIGHEAN EOGHAINN BHAIN. B’e sin latha na bochduinn do iomadh a h-aon, anns an do dhealaich Mac Chailean ri oighreachd a shìnnsirean, ’san àite ’san d’ fhuair mise mo thogail. Shaoil le muinntir an Doire-mhòir nach d’ thigeadh imrich orra am fad ’s bu bheo iad. Am feadh a phàigheadh iad am màl, agus cha robh sin doirbh r’a dheanamh, cha robh iomaguin orra; agus aonda cha d’ iarr iad. ’S ann an sin a bha choimhearsnachd chàirdeil, ge nach ’eil an diugh ach an aon smùid o thigh a bhuachaille ghallda, far an robh roimhe so dà-theaghlach-dheug a chòmhnuidh. An là a fhuair sinne bàirlinn gu falbh, shaoil sinn nach robh ann ach maoitheadh chum barrachd màil fhaotainn; agus thairg sinn sin gu toileach; ach cead fuireach cha d’ fhuair sinn. Reiceadh am meanbh-chrodh, agus mu dheireadh b’eiginn dealachadh ris an aon mhart. C’ uin a dhì-chuimhnicheas mise ciùcharan bochd nam pàistean ag ionndrainn a bhainne nach robh ni b’ fhaide ri thoirt dhoibh? c’ uin a dhì-chuimhnicheas mis an sealladh ma dheireadh a fhuair mi do m’ bhadan bòidheach ghabhar, a’ miogadaich air bile na’n creag, mar gum biodh iad ga m’ fhuran gu dol gam bleodhann? ach cuach cha do leigeadh dhomh a chur fòdhpa. Thainig latha na h-imrich, bha na maoir na chois; agus oi’che ni b’ fhaide cha robh ri fhaotuinn de fhasgadh tighe. B’eiginn falbh. Rainig e mo chridhe a ghaoir ’a thug an teine as, air lic an teintein ’nuair a bha iad ga bhàthadh. O’n a dh’ fhartlaich oirnn bhotan fhaotainn san dùthaich cha robh againn ach a Ghalldachd a thoirt fo’ ar ceann. Bha’n t-seana-bhean, mo mhàthair-chéile san àm sin beò, na cripleach, lag aosda; thog Iain i ann an cliabh air a dhruim, lean mis e, le Aonghas beag na naoidhean air mo chìch, agus thusa nach maireann, Alastair ghaolaich, a’ d’ loireanach lag, a’ coiseachd le d’ phiuthair ri m’ thaobh. Ghiulain ar coimhearsnaich leo am beagan airneis a bh’ (Air a leantuinn air taobh 110.) [TD 108] [Vol. 7. No. 14. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 28, 1898. Di-satharna s’a chaidh, chaoch Uilleam Purves, aon de na daoine bu mheasail bh’ ann ann Sidni Tuath. Bha e fad thri bliadhn’ deug na àrd-bhàillidh air a bhaile; cha d’ rinn e ach an dreuchd sin a leigeil uaithe air an earrach s’a chaidh. Bha e air aois mhath a ruigheachd, agus bha e tinn o chionn treis a dh’ ùine. Bha e air a thiodhlacadh Di-màirt. Bha àireamh mhor sluaigh air an tòrradh. Cha’n eil teagamh sam bith nach robh Innseanaich, Mhinnesota a faighinn aobhair gu leòr air a bhi mi-thoilichte le ’n crannchur, agus gur beag an t-ioghnadh ged a rinn iad ceannairc. Mar a thuirt sinn roimhe, cha do choisinn Riaghladh nan Stàitean ach droch cliù ’nan déiligeadh ris na h-Innseanaich. Ann an Canada, ’nuair a chuirear fearann air leith do na h-Innseanaich, tha e air fhàgail aca; cha’n urrainn duine geal no dubh a thoirt uapa a dheòin no dh’ aindeoin. Ach anns na Stàitean, ged rachadh fearann a chur air leith dhaibh, dh’ fhaoite mu’n rachadh bliadhna seachad gu’m biodh a dharna leth no an treas cuid air a thoirt uapa leis na daoine geala. Cha chuir na h-Innseanaich suas le obair dhe’n t-seòrsa sin ach fhad ’s is fheudar dhaibh, agus is iomadh ceannairc fhuilteach a rinn iad an tailleabh na h-eucoir sin roimhe so. Bu chòir do riaghladh nan Stàitean ceartas a thoirt do na h-Innseanaich bhochda. Bha latha ann ’s bhuineadh an dùthaich gu h-iomlan dhaibh, ’s bha iad ’nan treubhan mora lionmhor. Agus an diugh, ’nuair a tha an àireamh a sior fhàs na’s lugha ’s gach coltas orra gu’n teid as dhaibh gu buileach, bu chòir feuchainn ri ceartas agus caoimhneas a nochdadh dhaibh. Cha’n eil iad cho math no cho tapaidh gu feum a dheanamh dhe’n talamh ris na daoine geala, ach ged nach eil, bu chòir an cuid fhéin dheth fhàgail aca, agus a bhi déiligeadh riutha cho caoimhneil ’s cho ceart ’sa ghabhadh deanamh. Na’m biodhte deanamh sin, cha bhiodh iad idir cho draghail ’sa tha iad. Cluinnear daoine gu tric a gearan gu bheil innealan a cur as do obair, gu bheil iad a cumail obrach o dhaoine le bhi deanamh na h-obrach bu chòir a bhi air a dheanamh le daoine, agus gu’m bu chòir bacail a chur orra. Cha’n eil teagamh nach eil tomhas firinn aig daoine leabhras mar sin, agus gu bheil, air uairibh luchd-obrach a call air sàileabh innealan, ach cha ’n eil teagamh sam bith, ma dh’ amhaircear air a chuis ann an seadh ceart, nach ann a tha innealan a deanamh feum do’n fhear a tha ’g obair ’s do ’n fhear nach eil. Le innealan, gabhaidh nithean deanamh moran na’s saoire na ghabhas iad deanamh le lamhan dhaoine. Cuiridh sin barrachd féill air na nithean sin, oir bidh daoine ’gan ceannach nach b’ urrainn an ceannach roimhe; agus bidh sin ’na mheadhon air obair a thoirt do bharrachd dhaoine aig a cheann mu dheireadh ’s bha faotainnn obrach an toiseach. Cha chòir a bhi ’g amharc air innealan mar naimhdean do’n fhear-obrach idir; ’s ann a tha iad ’nan dlùth chàirdean dha. Tha cùisean gle chorrach eadar Breatunn ’s an Fraing aig an àm so. Tha iad a còmhstri mu àite ann an Africa ris an canar Fashoda; tha an da dhùthaich ag agairt còir air, agus mur tarruinn aon seach aon dhiubh air ais ’s e ’n claidheamh a chuireas an gnothuch ceart. Bhuinneadh an t-àite air tùs do’n Eiphit, agus ’nuair a ghabh Breatunn os laimh an Eiphit a riaghladh, ghabh i os laimh Fashoda a riaghladh mar aon de Roinnean na h-Eiphit. Ach o chionn àireamh bhliadhnaichean, bha Fashoda air fhàgail fo làimh nan Dervishes, agus cha ’n eil ach ùine ghoirid o’n thug Breatunn uap’ e. Bha buidheann bheag de shaighdearan Frangach ann am Fashoda air toiseach air an arm Bhreatunnach, agus a chionn gu robh, ged nach robh iad comasach air iad fhéin a dhion ’s ged a tha iad a nise air am biathadh gach latha le ceannard an airm Breatunnaich, (oir cha’n eil biadh no droch aca fhéin) tha an Fhraing ag agairt còir air an dùthaich. Tha Breatunn a cur an aghaidh sin a muigh ’sa mach, agus tha daoine a feitheamh gach latha feuch de tha dol a thachairt. Mur toir an Fhraing géill, tha eagal gu’n toisich an cogadh ris an robh dùil aig daoine o chionn fhada. Agus ma thoisicheas bidh e na chogadh eagalach. Tha an Fhraing a cur a cuid airm an uidheam cho cabhagach ’sa ghabhas deanamh, ach tha na daoine fad-cheannach ag radh nach teid i a ghleachd ri Breatunn mur seas Ruisia air a cùl, nach biodh na comas cumail ri Breatunn leatha fhéin ach ùine gle ghoirid. Ach a dh’aindeoin sin cha’n eil fhios ciod a dh fhaodas i dheanamh. Tha an geamhradh air tòiseachadh cheana ann an cuid de na Stàitean an Iar. Timchioll air Chicago, shil moran sneachda; bha e ann an àiteachan cho domhainn ri ochd òirlich, agus rinneadh milleadh mor air bàrr leis an stoirm, agus mhilleadh moran shoithichean air Loch Michigan. Tha citheachan sneachda air na sràidean ’s air na ròidean cho domhainn ’s gu bheil stad air a chuir air gach seòrsa carbaid. Cha robh an dùthaich riamh ann an suidheachadh cho dona cho trath ’sa bhliadhna. GEUR FHREAGAIRT. Bha eildeir àraidh anns an àirde-niar, a bha ainmeil air beurradaireachd is deas-chainnt. Chaidh triuir oileanach òg bheadaidh á Glascho a choimhead air, feuch am faigheadh iad beagan spòrs as. ’Nuair a rainig iad faisg, chuir a cheud fhear fàilt air, “Seadh, Athair Abrahaim, cia mar tha thu ’n diugh?” “Tha thu cearr,” ars an dara fear, “’s e tha ’so Athair Isaac.” “H-ud!” ars an treas fear, “tha sibh le chéile ’mearachd, is e tha ’so sean athair Iacob.” Sheall a’ foirfeach gu geur air an triuir ghillean, ’s ars esan. “Tha sibh uile cearr; cha mhi Abraham, no Isaac, no Iacob; ach ’s mi Saul, mac Chis, a’ sireadh asail athar, agus feuch, fhuair mi tri dhiubh!” IAIN AGUS SINE. Bha Iain sloighteil agus Sìne bhuaireasach a bhean, air là àraidh a’ siubhail ri taobh aibhne, agus thòisich iad ri trod mar a b’àbhuist. ’An ceann gach tiota theireadh Sìne ri Iain, an slaodaire leibideach. Bha Iain air a bhrosnachadh chum na h-uiread fheirg, leis na focail thàireil so air an labhairt co tric ’s gun do thilg e Sìne thar a bhruaich, ann am meadhon an t-srutha. Rinn Sìne bhochd a dìcheall gu tìr a thoirt a mach mar dheanadh gach neach eile ’na h-àite. Ach cha bu luaithe a ghreimicheadh i air slataig sheilich a bha fàs ri taobh na h-aibhne, na ghlaodhadh i mach le àirde claiginn “Feuch riut a Shlaodaire leibidich!” “Mata,” ars’ Iain, is e ’gearradh na slataig le sgithinn, “o leig mi gach ni eile leat leigidh mi sin leat cuideachd.” Leis na h-uile rud a bh’ ann bhàthadh Sìne. Air an là a’ màireach thòisich a càirdean ri feuchainn airson a chuirp sios o’n àite anns an do thuit i; ach thòisich Iain ri feuchainn suas o’n áite sin. “Is cinneach gu bheil thu air boile,” arsa neach éiginn ris, “ma tha dùil agad gum faigh thu’n corp an rathad sin.” “Mata,” ars Iain, “an uair a bha mo bhean beo bha i dol co fad an aghaidh tuigse nàduir ’s nach biodh bonn iongantais orm air dhi a bhi marbh, ged a rachadh i cho fada an aghaidh an t-srutha.” ' Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air. Am Feillire. OCTOBER, 1898. 1 Di-satharna Blar na Leargainn, 1263. 2 DI-DONAICH 17mh Donaich na Trianaid. 3 Di-luain Blar Allt Chuailleachain, 1594 4 Di-mairt 5 Di-ciaduin Blar Dhunchaillinn, 1315. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine 8 Di-satharna Losgadh Chicago, 1871. 9 DI-DONAICH 18mh Donaich na Trianaid. 10 Di-luain 11 Di-mairt Faotainn a mach America, 1492. 12 Di-ciaduin 13 Dior-daoin 14 Di-haoine Breith Uilleam Penn, 1644. 15 Di-satharna Breith Ailein Ramsay, 1686. 16 DI-DONAICH 19mh Donaich na Trianaid. 17 Di-luain Tuiteam Sebastopol, 1854. 18 Di-mairt 19 Di-ciaduin Bas Chandlis 1873. 20 Dior-daoin 21 Di-haoine Bas Raibeirt Ghordain, 1853. 22 Di-satharna 23 DI-DONAICH 20mh Donaich na Trianaid. 24 Di-luain Bas Dhaniel Webster, 1852. 25 Di-mairt 26 Di-ciaduin 27 Dior-daoin Breith Sheumais Mhic Mhuirich, 1736. 28 Di-haoine 29 Di-satharna Blàr Charrochaidh, 1562. 30 DI-DONAICH 21mh Donaich na Trianaid. 31 Di-luain Oidhche Shamhna. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 1, M. 51 M An Solus Ur, L. 15, U. 8, M. 23 M A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 4, M. 55 M An Solus Lan, L. 29, U. 8, M. 4 M DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. [TD 109] [Vol. 7. No. 14. p. 5] NAIDHEACHDAN. Ann am baile St. John, N. B., an oidhche roimhe, bha a chuid mhor de na solais electric air an cur as, agus chaidh na carbaid-sraide a stad, le dha no tri easgannan a fhuair do aon de phioban-uisge a bhaile. Toiseach na seachdain s’a chaidh, thuit fear Brown bhar carbad guail a bha tigh’nn a stigh gu Sidni Tuath, as a mhèinn; chaidh te dha chasan fo na cuidhlichean ’s bha i air a gearradh dheth. An ceann beagan ùine chaochail e. Chaidh tri cheud punnd de ghum spruis a chur air falbh do na Stàitean, à Parrsboro, N. S., air an t-seachdain s’a chadh. Tha da mhile pùnnd dhe ’n ni cheudna ri bhi air a chur air falbh an ceann mios no dha eile. Cumaidh sin cagnadh ri iomadh cùlag us clàrag fad a gheamhraidh. Tha iomadh sgeul air a h-aithris mu Impire China: uair a bhios e beò ’s da uair nach bi. Ach co-dhiubh a tha e beò no marbh tha e coltach gu ’n d’ fhuair e an droch riasladh o mhuime, agus gu ’n deach aice air a chur bhar na cathrach. Tha ’san ainm gu bheil i sin ’s Li Hung Chang air pòsadh. Chaochail fear Deòrsa King ann a Halifacs, o chionn ghoirid, a fàgail mar dhileab aig bràthair us piuthar dha, còta anns an d’ fhuaireadh an deigh a bhàis: notaichean, leabhar-banca agus paipearan eile, a b’ fhiach uile gu leir seachd ceud deug ’s tri fichead us sia dolair. Bha so uile air fhalach fo linigeadh a chòta. Thatar a fàgail air mnaoi anns an Iar-thuath, gu ’n do mhort i a fear-pòsda agus a ceathrar chloinne féin. Rinneadh an gniomh le tuaigh. Is ban Ghalicianach i. Thainig a cheud bhuidheann de ’n t-sluagh sin do Chanada am bliadhna fhéin, agus ma tha bheag de ’n t-seòrsa mhnathan ud ’nam measg, b’ fhearr nach d’ thainig iad. Bu choir do ’n riaghladh a bhi gle fhaiceallach a thaobh luchd-imrich. Chuala sinn uile mu Lyman Dartt, an gill’ òg a bha air a dhiteadh gu bàs an uiridh, air son ceannaiche-paca Armenianach a mharbhadh faisg air Truro, agus a fhuair mathanas an deigh sin. Tha e am bliadhna anns an arm Gheancach, agus bha e anns na blàir a chuireadh timchioll air Santiago. Bhiodh e ’na dheagh shaighdear na ’m biodh a h-uile h-urchair a loisgeadh e cho marbhteach ris an te a chaidh ’san Armenianach. Bha sabaid shalach eadar daoine geala ’s daoine dubha ann an cearna de stàit Mississippi, toiseach na seachdain. Bhatar a feuchainn ri duine dubh a ghlacadh air son cionta air choireigin, agus loisg e-fhéin us feadhainn eile bha còmhla ris air na maoir. Ghabh na daoine geala pàirt nam maor, agus mar sin thòisich am blàr. Bha aon duine geal air a mharbhadh, ’s deichnar dhaoine dubha; chaidh àireamh a leòn air gach taobh. Chuireadh iadsan a bhios a’ cur ugainn òrdugh-airgeid de sheòrsa sam bith, comain oirnn na ’n toireadh iad fa-near ainm an fhir-deasachaidh a sgriobhadh ceart. Tha sinn air uairean air ar cur gu dragh le daoine bhi feuchainn ris an ainm a chur gu h-iomlan anns an òrdugh, ’s iad ’ga dheanamh air thuaimse. Cuireadh iad ann “J. G. MacKinnon,” agus na biodh iad a’ cur John, no James, no Joseph, no Joshua, no Jeremiah, no ainm sam bith eile, an àite na litir J. Tha an t-ainm ri fhaicinn anns gach àireamh dhe ’n phaipeir, agus cha ruig neach sam bith a leas mearachd a dheanamh. Faodaidh daoine, le beagan faicill, moran dragha chaomhnadh do mhuinntir eile. Cha bhi ’n ùine fada nis gus an tòisichear air obair na mèinn ùire ann am Port Morien. Tha e coltach gu bheil timeannan matha gu bhi ann, agus tha cuid de na teaghlaichean a tilleadh gu ’n seann dachaidhean. Tha an soitheach Frangach a chaidh a ghlacadh ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh air son smuglaidh, air a leigeil m’a sgaoil, an deigh eàin ceithir cheud dolair a phàigheadh. Chaidh an luchd a thoirt uaipe air chùl sin. Tha na h-ubhlan gu bhi gle ghann air feadh an t-saoghail air an fhoghar so. Anns na Stàitean cha bhi ann ach mu ’n choigeamh cuid ’sa b’ àbhaist a bhi ann bliadhnaichean roimhe. Tha iad gu bhi nas gainne na b’ àbhaist ann ann an Ontario, agus mar an ceudna anns an Roinn Eòrpa. Thachair droch sgiorradh ann an Glace Bay, Di-satharna s’a chaidh, leis ’n do chaill fear Hillier a bheatha. Bha e ’gearradh guail ann am mèinn Chaledonia, agus thuit tòrr dheth air a mhuin, ’ga leòn cho dona ’s gu ’n do chaochail e am feasgar sin fhéin. Bha e pòsda, agus dh’ fhàg e ochdnar de chloinn òg. Re nan tri bliadhna fichead mu dheireadh, chuireadh air falbh á Halifacs, fiach tri muillein fichead dolair (£23,000,000) de ghiomaich. Le ’n gabhail thar a chéile, bhatar a cur air falbh fiach muillein dolair gach bliadhna. Tha na giomaich na ’n ni luachmhor do ’n dùthaich so, agus bu chòir feuchainn ri ’n cumail o dhol as gu buileach, mar a thachair ann an dùthchannan eile. Ann am Boston, aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, chaidh dithis dhaoine bha ’g obair air mulltach taighe bhar a chéile, agus thòisich iad air sabaid. Rinn iad greim air a chéile, agus an deigh dhaibh a bhi gleachd car tacain, thuit iad thairis, a bualadh air cabhsair na sraide a bha leth-cheud troigh fòdhpa. Chaidh an toirt le cheile do ’n tigh-eiridinn, far ’n do chaochail iad an ceann beagan mhionaidean. Thatar ag radh gu robh iad air leth dhaoraich a dol gu ’n obair. IADSAN A’ PHAIGH. An t-Urr. Raonull Domhnullach, Glace Bay. Mairi A. D. Nic Gill-fhaollain, U. S. W. Margaree. Iain Mac Leoid, Dunbheagain. Aonghas Mac Asguill, Rudha ’n Rothaich. Seumas R. Dùghlach, Grand Mira Tuath. Uilleam Domhnullach, Drochaid Mharion. Eos. S. Mac-a-Phi, Pòn Mor. M. R. Mac Aonghais, Amaguadus Pond, 50c Coinneach A. Mac Fhearghais, L’Ardoise Iseal. Alasdair Mac Rath, Sidni. (25c) Aonghas Gillios, Sapho, Wash. Alasdair Mac-an-t-Saoir, North Burns, Mich. Iain Mac Bhiocair, Rescue, Mich. Domhnull Mac Leoid, Bad Axe, Mich. Murchadh Mac Gilleain, High Bank, E. P. I. Tearlach Mac Coinnich, Elliots P. O., E. P. I. Aonghas Mac Laomuin, Steidhseal, E. P. I. An t-Olamh A. Domhnullach, Antigonish. Am Breitheamh Mac Isaic, Antigonish. Abie Mac Gille-mhaoil, Westville, N. S. BAS. Ann an Rescue, Michigan, air a 15mh latha dhe ’n mhios so, Uilleam Mac Coinnich, 57 bliadhna ’s 7 miosan a dh’ aois. Rugadh e air taobh deas an Eilein Mhoir, anns a bhliadhna 1841. Bu mhac e do Iain Mac Coinnich, a chaochail anns a bhliadhna 1848, a’ fàgail bantrach agus ceathrar chloinne de ’m b’ esan an t-aon bu shine. ’Nuair a bha e seachd bliadhn’ deug a dh’ aois, chaidh e gu ruige Ontario, far an d’ fhuirich e fad sheachd bliadhna. Phòs e anns a bhliadhna 1860, Sina Nic Gaw, a tha nise air a fàgail na bantraich. Dh’ fhàg e dithis mhac, Iain. H. agus Màrtuinn. Tha dithis pheathraichean agus bràthair dha beò fhathast—Màiri A., a tha pòsda aig fear Lambkin, ann am Michigan; Cairistiona, ann an Ontario; agus Iain, ann an Oregon. Bha Uilleam na dhuine còir air an robh mor mheas aig na coimhearsnaich uile. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 110] [Vol. 7. No. 14. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 107.) againn, agus thaisbein iad gach caoimhneas a b’ urrainn caomh chairdeas a nochda. An là a dh’ fhàg sinn an Doire-mòr, shaoil mi gu’n sgàineadh mo chridhe; bhithinn ceart, air leam, nam faigheadh mo dheòir sileadh, ach faochadh air an dòigh so cha d’ fhuair mi. Shuidh sinn greis air cnochd na ’n càrn, a’ gabhail an t-seallaidh ma dheireadh de’n àite san d’ fhuair sinn ar n-àrach. Bha na tighean cheana gan rùsgadh—bha méilich na’n caorach mòr air a bheinn—fead a bhuachaill ghallda, agus tabhann a chuid con air an uchdaich. Bha sinn brònach, ach taing Dhà-san a thug duinn an comas; cha chualas guidhe no droch-rùn o a h-aon againn. “Cha’n eagal duinn,” ars’ Iain, “tha’n saoghal farsuing, agus seasaidh Dia sinn; tha mis’ ann an so a’ giulan mo mhàthar, agus thus’ a Mhàiri, agus mo phàistean ag imeachd maille rium, air an imrich bhochd so, ceart co sonadh, agus math a dh’ fhaoidte am chulaidh-fharmaid co mòr ri oighr’ an fhearainn, a chuir air an allaban sinn.” Ciod a th’ agad air, ach gun d’ràinig sinn Glaschu, agus le litir an duine bheannuichte nach maireann, mo mhinisteir gaolach, (is beag a shaoil mi nach faicinn tuille a ghnùis fhlathail,) fhuair sinn a stigh do obair Chotain, far an robh cosnadh maith seasmhach aig Iain, agus aig na pàistean, mar thainig iad air an adhart. Bha sinn socrach, agus tha dòchas agam gun robh sin taingeil. Bha’n t-seana-bhean fathasd beo,—a tùr agus a meodhair aic’, mar a bha riamh. Bha do chonaltradh taitneach aice mu eachdruidh na Gael’tachd, ’s gum b’ fhaochadh do Iain, ’nuair a thigeadh e stigh sgìth o’n obair, suidhe sios a sheanachas leatha. Fhuair sinn deagh chothrom a thoirt do’n chloinn; leughadh iad a Bheurl’ agus a Ghaelic co’-ionann; agus na chunnaic an t-seana-bhean riamh, ach a bhi gad éisdeachds’, Alastair rùnaich, a’ leughadh a Bhiobuill, agus leabhraichean maith eile a bhiodh agad, agus is tus’ a dheanadh sin gu suidhichte, cialluch. Thoilich e Dia an t-seana-bhean a ghairm air falbh; agus thuit i ann an suain a bhàis, a’ tiomna suas a h-anama do’n t-Slanuighear bheannuichte chaidh gu bàs air a son. Dh’ ionndrain sinne i gu mòr; an àite bhi taingeil an fhad ’s bu deòin le Dia a caomhnadh, ’s ann a bha sin ga caoidh thar tomhais. Smachdaich Dia sinn. Ghabh mo mhac lurach, àluinn am fiabhrus gabhaltach a bha san àm sin ’sa bhaile mhòr agus beagan na dhéigh sin ghabh athair agus a phiuthar e. ’S ann aige-san a mhain a thug comas domhs a sheasamh, aig a bheil fhios air na dh’ fhuiling mise san àm. Na canadh daoine gu bràth nach ’eil iochd anns na Gaill; is mi nach d’ fhuair gun iochd iad. Ged a chum eagal an fhiabhruis air falbh a chuid bu mhò de m’ luchd-eolais, thog Dia suas domh càirdean a sheas mi; ghabh bana-choimhearsnach air nach robh ach beag eolais agam, mo chaileag uam, agus chuir mi Aonghas, a sheachain am fiabhrus, do thigh caraid. Thugadh an duine agus Alastair do’n Tigh-eiridinn, am bràighe bhaile, agus dheònaicheadh dhomh fhein an leantuinn. Bu trom airsneulach mo cheum, as déigh a charbaid a bha ’ga ’n giulan. Shaoil mi nach b’ urrainn domh a bhi ni bu bhrònaich ged bhithinn ga’n leantuinn do’n Chìll; ach, O! ’s fhad o chéile, mar dh’ fhairich mise, an dà ni. Chualadh mi cho liugha sgeula m’an Tigh-eiridinn, ’s gun robh oillt orm roimhe. Ach ’s mi nach ruigeadh a leas; chuireadh iad ann an seomar a dh’ fhòghnadh do righ, agus leigh agus muime-thinneis a fhrithealadh dhoibh, a bha co cùramach umpa ’s ged a b’ iad a b’ ionmhuinne leo a bh’ air aghaidh an t-saoghail. Cuig-latha-deug an déigh dhoibh dol a stigh, air maduinn là a Chomunaich, chaidh a ghuin sin annam chridhe nach d’ thainig agus nach d’ thig as. Chaill an saoghal, o’n àm sin, dhomhsa mòran da thlachd—chaochail thus’ Alastair, a mhic mo ghràidh, nach dubhairt riamh ri d’ athair no ri d’ mhàthair gum b’ olc. Ach c’arson a bhithinn a’ gearan, ’s ann aige fein a ghairm d’a ionnsuidh e a bha ’m barrachd còir air? cha’n ’eil againn ach a bhi strìochdta. Dh’ fhalbh Alastair, ach taing do’n Athair chaomh cha d’ fhalbh an t-iomlan; thainig Iain uaithe, agus ochd seachduinean an déigh dha dol a stigh, phill sinn a rithist dachaidh. Ach, O! ’s ann air an dachaidh sin a’ bha’n t-atharrachadh. Alastair cha robh ann.—’S esan a b’ àbhuist leughadh duinn anamoch, an àm gabhail mu thàmh. Mhothaich mi fhìn an neul bochd a bh’ air gruaidh an duine, ’nuair a thuirt e, “A bhean c’àite bheil am Biobull? Thoir ga m’ ionnsuidh fein an nochd e.” “Thig an so, Aonghais,” arsa mise, “agus gabh am Biobull.” “O! nach fìor,” ars’ Iain—thig a nall a laochain, buidheachas do Dia gu bheil thu ann. Cha robh comas aig an duine gu cosnadh a ghabhail; bha e lag, fann gun mhisneach. Cha robh againn ach na bha Aonghas a’ toirt a stigh o là gu là, air chors gu’m b’ eiginn domh bhi reic uidh air uidh cuid de’n airneis a b’ fhearr a dh’ fheudamaid a sheachnadh, ann an dòchas gun d’ thigeadh làithean a b’ fhearr. Ma dheireadh bha’m màl ri dhioladh, ’s gun dad ma choinneamh. Thog Iain air a mach le uaireadair Alastair, agus ainm m’ fheudail air a ghearradh air a chùl. Thìll e stigh an déigh am màl a phàigheadh, agus leig e e fein na shìneadh air an leabuidh gun fhocal as a cheann ach mar thug Dia ma’n cuirt air a cheart fheasgar sin, cò a thainig a stigh ach a ministeir, agus b’e sin céilidh ’n àigh dhuinne. Rinn e mòran seanachais; chuir e suas ùrnuigh a dhrùigh air a cridheachan. Thog ar misneach gu mòr, bha chainnt mar dhrùchd an anamoich air luidhibh maoth a bha seargadh. Bha slaint Iain a’ teachd air a h-aghaidh, agus fhuair e gne de chosnadh eatrom fad na bliadhna; ach oi’che de na h-oi’chean sin, toiseach a gheamhruidh, o cheann chuig bliadhna, thainig Aonghas a stigh, agus mulad mòr na ghnùis, mar gum bitheadh e gul. Ciod a th’ ort a ghràidh? arsa mise, Cha’n eil mòran, a deir e. Theagamh gum fosgail àit’ eil, ged a tha’n obair anns a bheil mi an déigh stad. Tha’n luchd-oibre air éiridh ’an aghaidh am maighstir, ag iarraidh àrdachadh turasdail, agus a’ maoitheadh an obair a losgadh mar géill iad doibh. Tha iad an déigh sgrìobhadh a tharruing a mach, agus tha iad a’ bagradh olc a dheanamh air gach neach nach cuir a làmh ris. Bha Iain na shìneadh san leabuidh, agus co luath ’s a chual e so, thog e cheann, agus thuirt e tha dòchas agam, Aonghais, nach do chuir thusa do làmh ris an droch phaipeir sin. An e mis, athair, ars’ am balach bochd, da rìreadh cha do chuir, agus cha chuir? Cha chuir a laochain,” ars’ athair, “bi dìleas, onarach, mar bha na daoin’ o’n d’ thainig thu. Seas thusa ri d’ righ agus ri laghannaibh na rioghachd, agus na biodh companas agad riu-san a tha ’g iarruidh gu mi-riaghailt. Tha againn na dh’ fhòghnas an nochd, agus na chuireas seachad an tS-àbaid, is ’nnair a thig di-luain fosglaidh Dia dorus eile. Thig Dia ri airc, ’s cha ’n airc ’nuair thig. Gabhamaid gu tàmh—a nall na leabhraichean Aonghais, agus thugamaid buidheachas do Dhia. Gabhamaid an nochd 146 Salm—togamaid am fonn le chéile. Is minic a sheinn mi e sa chuideachda mhoir, maille ri cuid diubhsan nach eil a nis ri ’m faotainn air aghaidh an t-saoghail is cha chuala mi riabh e nach d’ thug e faochadh do m’ chridhe. Chaidh sinn do’n eagluis air an là màireach, agus chuala sinn teagasg a chuidich leinn an saoghal bochd so a’ leigeadh air dì-chuimhn. Is beannuicht’, a deir Iain, ’nuair a phill sinn dachaidh, latha na sàbaid; ’se Dia fein a chuir air leth e. Toiseach na seachduin thainig dithis dhaoine o’n obair Chotain, air an robh sinn eolach, ag iarruidh air Iain agus air mo mhac seasamh a mach leo, nach robh feum dhoibh fuireach air leth, agus a’ labhairt mòran mu fhoirneart, agus sannt nam marsantan mòr, agus anabarrach eile mu’n righ, agus ma’n rioghachd nach b’ urrainn domhs a thuigsinn. Fàgaibh mi, ars’ Iain, cha ’n ’eil stàdh dhuibh bhi labhairt ni ’s faide. Cha seas mis a mach, is cha mhò a ni mi lochd air na daoinibh còir a thug dhomh cosnadh o thainig mi do ’n àite; agus a fhuair mi gu fìrinneach seasmhach anns gach càs. Fàgaibh mi—cha ’n ’eil fuil na ceànnaìrc ann am chuislibh. Dh’ innis iad dha gu’n robh e ’na’n comas cuideachadh a dheanamh ris, gu’n robh airgiod aca a thainig a Sasunn, arson cobhair nam feumach a sheasadh leo; agus mar chomharadh air so, thairig air bonn crùin fhàgail aige. Cha’n fhàg, ars Iain, cha’n fhagar sgillinn d’ ar n-airgiod san fhàrdoich so; tha mallachadh na chois; cha sheas mise libh, ni mò a ni mo mhac. Cha’n eil agam ach e, chunnaic mi a bhràthair, mo dheagh mhac dileas air a ghiulan do’n Chìll, gun chomas a bhi fo cheann, a’s bu chruaidh an deuchainn e; ach b’ fhearr leam esan a tha làthair fhaicinn air a chàramh r’a thaobh, na e bhi ’m broilleach na muinntir a tha ’g iarraidh fuil agus aimhréit’ a thoirt air an dùthaich. Togaibh libh ur n-airgiod. Cha ’n ’eil peighinn an nochd a’m’ fhàrdoich—cha’n ’eil sgillinn ruadh agam air aghaidh an t-saoghail; ach an là a dh éirinn libhse gu’n robh mi gun fhasgadh na h-oidhche. Falbhaibh, ars’ esan, ach guidheam oirbh, togaibh d’ar n-amaideachd; cha shoirbhich libh. Rinn iad glag gàire, nuair a dh’ fhalbh iad, a’ deanamh fanoid air a chainnt. Bha là an déigh là a’ dol seachad, agus cha robh cosnadh ri fhaotuinn, bha gach ni a ghabhadh reic air falbh ach an dà leabuidh agus trealaich bheag eile nach b’fhiach a chur a mach. Chaill Iain a shunnd gu buileach. Cha rachadh e ’mach air an dorus, ach a’ turamanaich taobh a ghealbhain gun smid as a cheann. Bha againn Biobuill ùr a bhuineadh do Alastair; mhothaich mi an duine ’gan toirt a mach an dràs agus a rìs, as an aite san robh iad glaiste; agus an déigh dha sùil a thoirt orra, chithinn e ’sile nan deur—a’ clisgeadh air ais le osnadh throm, agus ga’n càramh rìs anns a cheart àite san robh iad. Cha reic sibh iad, sin athair, ars’ Aonghas, agus mise beo. Da rìreadh a mhic cha bu maith leam dealachadh riu, nam b’ urrainn domh. Air an fheasgar sin fein chaidh Aonghas amach, agus o nach do thill e san àm am bu ghnà leinn gabhuil mu thàmh, bha sin fo iomagain mhòr uime. ’Nuair a thainig e bha seorsa de lasadh ’na ghruaidh, agus togail éiginn na ghnùis a chuir ìoghnadh agus eagal oirnn. Athair, ars’ esan, thoir maitheanas domh, agus a mhàthair mo ghràidh, na dean thusa mo dhìteadh. Cha reic sibh Biobuill Alastair, ni mò an leab’ air a’ bheil sibh a’ luidhe. Sin agaibh na chuidicheas libh. Thug e mach deich buinn òir, agus chàirich e air a bhòrd iad. Chlisg athair le oillt ’s mar biodh taice r’a chùl bha e gu glan thairis air an ùrlar. Ciod e so a rinn thu, a mhic, ’se bualadh a làimhe air uchd, ciod e so a rinn thu? An do leig Dia gu builich thar a làimh thu? Ciod tha mi ’g ràdh a dh’ éirich dhuit. “Cha d’ éirich,” ars’ Aonghas, “ach gu’n do ghabh mi san arm. Tha mi nochd a’m’ shaighdear aig Righ dearg Deorsa; agus tha dòchas agam nach d’ thoir mi nàire air mo dhaoinibh no air mo dhùthaich.” Thog Iain a shùil, agus thìll an fhuil a bha ’n déigh a ghruaidh fhàgail. “Aonghais, thig dlù dhomh; dh’ fheudadh e a laochain a bhi ni bu mheasa; ’se dh’ [TD 111] [Vol. 7. No. 14. p. 7] fheudadh; O! ’s math nach ’eil; ach c’arson nach d’ innis thu dhuinn na bha a’ d’ bheachd?” “Cha bhitheanta le òigridh,” a deir e, “an comhairle chur ri’n athair no ri’m màthair m’an gabh iad an t-or; agus is maith do’n Righ gur ann mar so a tha. Ghabh mi aig Fear an Earrachd, agus gheall e tighinn am màireach, agus mo leithsgeul a ghabhail.” Air an là màireach thàinig Ailean mòr mar a gheall e, agus ’nuair a thuig e cò sinn, rinn e còmhnadh mòr ruinn. Ciod a tha ri ràdh, ach nach do chaill e sealladh air Aonghas fhad ’s a bha e fodha. Thog e ceum air cheum e san arm; tha e nis air a rathad dachaidh, le saor dhuais o Righ ’s o dhùthaich a chumas socair e fhad ’s a’s beo e. Tha e nis réidh de’n t-Saighdearachd tuille, agus tha dùil againn ris dachaidh fo cheann mhìos. Tha Iain na shlainte, fhuair e àite aitheasach o na daoinibh cneasda nach do dhìobair e. Tha mo nighean pòsda ri gille glic, grunndail a mhuinntir na Gae’ltachd, agus a nis buidheachas do ’n Ti ghràsmhor a fhreasdail dhuinn. Tha guth an aoibhneis ri chluinntinn ’nar measg. Thainig cruadal ’n ar caramh, ach bheannuich Dia e chum ar maith. Sheas e leinn anns gach cruaidh-chàs a thainig oirnn. ’S minig a thig Iain, ann an comhnaltradh an anamoich, thairis air gach ni a thainig ’na ’r caramh, a’ lorgachadh mar is fhearr a dh’ fheudas e ceumaibh freasdail an Tighearna chum leas ar n-anama. ’S i chainnt, is maith dhomh gu’n robh mi fo thriobluid; agus de na h uile aobhar sòlais a th’ againn, cha’n e ’n t-aon is lugha, gu bheil Aonghas, do réir gach cunntais, cuimhneach air a Dhia, agus gràdhach mu Shlanuighear. Cha do dhealaich e riabh ri Biobull a bhràthar, Is minic a bha e air a shiubhal air latha bhlàir; agus na cheann-adhart da an àm na h oi’che ann an tìr chéin. Tha e ’g innse dhuinn gu’n robh a cheart leabhar so air a bheannachadh, chum math do mhòran d’a cho’-shaighdiribh gam b’ àbhaist da a leughadh. Agus a nis nach ann againn a tha’n t-aobhar gu bhi taingeil! O na cailleadh daoine gu bràth an dòchas ann an Dia! na d’ thugadh cruaidh-chàs no bochduinn orra a lagh a bhristeadh, no dearmad a dheanamh air òrduighibh. Mar is àirde buaileas an doinionn, gu ma h-ann mar sin as dlùithe a theicheas iad fo sgaile na creige mòire anns an tir airsneulaich. Thuirt thus’, a Thighearn, agus is fìrinneach do briathra gu leir, “A chionn gur ionmhuinn leis-san mi, Sàr-fhuasgladh bheir mi dhà; Air m’ ainm a chionn gur eolach e, Ardaicheam e gach là. Gairidh e orm, is freagram e; ’Na thrioblaid bitheam leis; Onoir is urram bheir mi dhà, Is fuasglam air gu deas.” Is sinne da rìreadh a dh’ fhiosraich gur fìrinneach esan a gheall; agus uime sin a deir mi ann an cainnt na sailm cheudna, “Their mi a nis mu thimchioll Dhé, Mo thearmunn e, ’s mo neart; Mo dhaingneach: cuiream dòchas ann: Mo Dhia, ’s e Dia nam feart.” —An Teachdaire Gaidhealach. SGEUL BHO ’N BHEURLA. Tha fios gu math gur ainmig le gin do ’n luchd-àiteachaidh am bàs fhaotainn ann an Ochiltree. ’Nuair a dh’ fhàsas aon de ’n t-sluagh sgith de bheatha, feumaidh iad an cairteil a ghabhail ann an cearna eile de ’n dùthaich. Ach ’s ainmig le bheag do ’n t-sluagh fàs sgith da ’m beatha, agus air an aobhar sin fanaidh iad air an fhearann is anns an tigh ’san do rugadh iad, gu’n teid an aois thairis air a bhi air a gleidheadh air chuimhne. Bha an Còirneal Mac Dhùghaill an deis dha tilleadh as na h-Innsean, latha a gabhail an rathaid. Thainig e air seann duine a bha na shuidhe air cloich mhoir ri taobh an rathaid, ’s e beucail ’s a caoineadh gu goirt. Air do ’n chòirneal tighinn a nios far an robh e, dh’ éirich an seann duine ’s thiormaich e a shùilean; thug e dheth a bhoineid ’s thubhairt e, “’S e do bheatha dhachaidh gu tir do dhùthchais aon uair eile, a chòirneal.” “Gu robh math agad,” ars’ an còirneal; ’s an deigh stad car tacain thubhairt an còirneal, “Is gann a dh’ aithnichinn thu, nach tusa Aonghas Mac Cullach?” Tha thu ceart a chòirneil; ’s mi fein a th’ ann,” arsa Aonghas. “Feumaidh gu bheil thu aois mhor a nis, Aonghais?” arsa ’n còirneal.” “Cha ’n eil mi ro shean,” ars Aonghas; “cha ’n eil mi ach direach air tionndaidh ciad bliadhna.” “Ciad bliadhna!” ars an còirneal, ’s e smuaineachadh; “aois mhor! Feumaidh gu bheil na h-uile latha dheth. Ach tha e cur ioghnadh orm duine de d’ aois-sa, ciad bliadhna, a bhi na d’ shuidhe ’n so ri taobh an rathaid, a rànaich ’sa caoineadh mar gu ’m bitheadh pàisde ann; gu ne air thalamh an rànaich a bh’ ort?” “’S e m’ athair a ghabh orm,” ars Aonghas, ’s e caoineadh a rithist; “’s chuir e mach mi, ’s rinn e sin.” “T’ athair,” thubhairt an còirneal, le ioghnadh, “am bheil t’ athair beò fhathast?” “Beò,” ars Aonghas; “tha gle bheò; ’s ann agams’ a tha fios air, gu ’m chall.” “C’aite bheil e?” ars an còirneal; “nach anabarrach an aois a dh’ fheumas e bhith; bu mhath leam fhaicinn?” “O, tha e shuas ’san t-sabhal a sin shuas,” ars Aonghas, “’s cha ’n eil e ann an nàdar ro mhath na ’s mo aig an àm.” Chaidh iad le chéile a’ suas thun an t-sabhail, agus fhuair iad an t-athair trang a bualadh eòrna le sùiste mor, ’s e dol air aghaidh a caint ris féin ’sa trod gu h-anabarrach. Air faicinn a Chòirneil agus Aonghais a tighinn a stigh stad e, ’s thug e dheth a bhonaid ’s chur e fàilte air a chòirneal. Air do ’n chòirneal an seann duine fheòrich agus failte a chur air, chuir e a cheist ris: “C’arson a ghabh thu air Aonghas an diugh?” “An garrach òg,” fhreagair an t-athair, “cha ’n eil a bhith beò na cur suas leis; tha e daonnan ann an cron; b’ éigin domh gabhail air ’sa mhaduinn air son a bhi clodadh chlach air a sheanair!”—Eadar. le Alasdair Mac Ealair. THE OLD WOMAN. LE DONULL MAC CALUM. Bha aig Lady Lora puithar d’am b’ ainm Lady Bess. Bha stòras mòr aig Lady Bess a d’ fhàg a h-athair aice. Bha na baintighearna so a mach air a chéile cho mòr ’s nach robh iad a taghal air a chéil’ idir. Tuigidh tu ’n t aobhar nuair a dh’ innis mi dhuit gur h-i old woman a bha’nn an Lady Bess. Tha fhios agad mar tha dé bha’n Lady Lora. Ged is ioma tairgse mhath a fhuair na baintighearnan so, dh’ fhan iad riamh gun phòsadh. Bha an old woman a feitheamh ri fear aig am bitheadh uiread stòrais ’s bh’aice féin, a chuireadh a mach sgillinn air an sgillinn rithe. Bha’n new woman a feitheadh ri fear a bhitheadh ann an inbh cho àrd rithe fein, no ri Achd Pàrlamaid a bheireadh titil na mnaoi do’n fhear. Bha duine bochd uair a b’urrainn M.P., a chuir ri ainm g’a h-iarraidh, ach ’s ann thuirt i ris—“My dear Sir, get a law passed by which after marriage we can print on our visiting cards ‘Lady and Lord Lora of Fernfield,’ and I shall marry you.” Mur biodh na baintighearnan so a tiom’nadh an cuid do neach eile ’se Mr. Jack a dh’ oidhricheadh orra. Ach chuir “The Hon. Lora Bess” roimpe, le bhi cumail a stigh orra le chéile, gu’n tiom’nadh iad le chéil’, an cuid dhise. Thug i fad ùine mhòr a dheanadh so agus shoirbhich leatha cho math ’s gu’n do thiomainn iad an cuid le chéile dhith. Dh’ éirich do “The Hon. Lora Bess” mar dh’éirich do mhòran, ann a bhi glacadh tuile ’s a chòir chaill i na h-uile. Bha duil aig Lady Lora gur h-i new woman a bh’ ann Lora Bess, agus bha dùil aig Lady Bess gur h-i old woman a bh’innte. ’S ann air a shon sin a dh’ fhag iad an cuid, le chéil’, aice. Bhrath an paipeir naigheachd an Venus orra. Nuair a leugh na baintighearnan an sgeul so ann thug iad, gun dàil, a h-ainm ás an tiom’nadh—“Society Gossip: The Hon. Lora Bess, the wealthy heiress of Fernfield, promises to become a woman of many parts. On Monday night, at Court Royal Primrose League entertainment, arrayed in a flowing robe of green silk, embroidered with golden cord, accompanied by her aunt, the beautiful Lady Lora, she gave a lecture on ‘Matriarchy among the Savages.’ On Friday night at Peabody Buildings Dorcas Society Kitchen Soup party, dressed in a russet frock of Lewis tweed, accompanied by her aunt, the good Lady Bess, she gave a lecture on ‘How to darn our husband’s Stockings.’” AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 112] [Vol. 7. No. 14. p. 8] BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt R. Mac Neill, Sidni, C. B. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 113] [Vol. 7. No. 15. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 4, 1898. No. 15. NA GIOSRAGAN. Cha robh tinneas, no tuiteamas, no dochann, nach robh “orra” aig na seann Ghàidheil air a shon. Bha “eolas” fhein aig gach seorsa trioblaid, agus cha deanadh an t-eolas a bha air son an dara rud feum sam bith do ’n rud eile. Tha e mar sin soilleir gu ’n robh na “h-eolais,” no na “h-orrachan,” gle lionmhor. Ach tha chuid mhor dhiubh air a dhol air chall; cha ’n eil ach fior bheag dhiu ri ’m faotainn an diugh. Bha luchd nan geasan ga ’n ionnsachadh gu curamach ’s ga ’n gleidheadh air a meodhair, ullamh gus an cur an cleachdadh ge b’e àm sam biodh feum orra. Bha na “h-orrachan” ri bhi air an ionnsachadh bho chach a chéile; ach air chor sam bith cha ’n fheudadh firionnach “orra” ionnsachadh do dh’ fhiorionnach, no boirionnach do bhoirionnach, air neo cha bhiodh eifeachd air an t-saoghal annta. Dh’ fheumadh cailleach na buidseachd a h-eolas diomhair a thoirt do bhodach na buidseachd, agus mar sin am bodach do ’n chaillich. Bha mar so gach orra us eile air an cumail air chuimhne o linn gu linn, agus làn chreideas aig daoine ga thabhairt do dh’ eifeachd na nithe sin. ’S cinnteach gur fhad’ o’n chuala tu iomradh air “Eolas air sniomh,” no “Eolas sgochadh Feithe”; ’s e seann leigheas a th’ ann. Bha Iain Ruadh Stiubhart ga chur ri chois leònte latha Cuil-fhodair:— Ni mi ’n ubaidh rinn Peadar us Pòl, ’S a luighean air fas leam bruaich; Seachd paidir ’n ainm sagart us pàp, Da chuir na phlasda mu ’n cuairt. Ach so mar bha ’n leigheas gu bhi air a dheanaibh: Bha ’n Geusadair no fear nan geusan a cur snathain na bheul agus ag aithris na rainn a leanas:— Chaidh Bride ’mach Air maduinn mhoich Le caraid each. Bhris fear ac’ a chas. Chuir e glun ri glun, A’s cnaimh ri cnaimh, A’s feith ri feith— Mar leighis esan sin, Gu leighis mise so. Bha ’n snathainn an sin air a ceangal mu ’n alt leonta, far an robh e gu bhi air fhàgail gus an tuiteadh e air falbh leis fhein. Ma bheir aon de d’ luchd-leughaidh siaradh da chois a measg nan creag an Ceap Breatunn, so agad leigheas da. Tha mi ga thoirt seachad a nasgaidh; ach ’se ’s docha gu ’n d’ fhalbh a bhrigh as, oir cha b’ ann o bhana-bhuidseach a fhuair mi e, ach o’n t-sar dhuine uasal agus an t-ard sgoilear, Mr. Alasdair Mac Ille-Bhain, an Inbhernis. Tha orra eile agam a bha air a meas luachmhor anns na laithean o shean, agus air am bheil feum aig iomadh duine bochd fathast, ma tha feum innte: ’se sin eolas air an deideadh. Bha e deanta mar so: Bha ’neach aig an robh an “t-eolas” a sgriobhadh sios an rann a leanas air mir paipeir agus ga thoirt do ’n neach air an robh an deideadh. Bha neach sin ga chur gu curamach na phòca, no an àite gleidhteach eigin na eudach cosg, dluth air a phearsa. Cha robh an rann ri bhi air fhaicinn no air a leughadh le fear an deididh; na sealladh e air chailleadh an orra ’cumhachd. Thigeadh an deideadh air ais agus cha deanadh paipeir eile feum sam bith na aite. So rann a bha air a chleachdadh. Tha mi ga thoirt duit anns an t-seann Ghaidhlig Eirionnaich mar a leanas:— Ordu Thomuis togaide, I toeb Crist cen chinaid— Ron-icca mo deta cen guba Ar chruma is ar idbain. No ann an Gaidhlig Albannach mar so:— Ordugh Thomais thaghta An taobh Chriosd gun chionta— Slanaich (iocshlaint) mo dheud gun chaoidh ’O chroimh agus o phein. Bha doigh eile air an deideadh a leigheas. Bha bioran calltuinn, mu choig orlaich a dh’ fhad, air a dheanamh biorach anns an dara ceann, agus air a chumail eadar na fiaclan aig fear an deididh fhad ’sa bhiodh e ag radh na rainn so:— Seachd paidir a h-aon, Seachd paidir a dha, Seachd paidir a tri, Seachd paidir a ceithir, Seachd paidir a coig, Seachd paidir a sia, Seachd paidir a seachd. An orra rinn Muire mhin Do Phadruig uasal, àluinn, Air croimh, air cheann, air chinn, Air ruaidh, air at, air arraing. Thuirt Abraham ri Iosa Criosd ’S iad a falbh air sliabh Bhreitris, “Cha ’n urrainn mise coiseachd No marcachd leis an deideadh.” Thuirt Esan ri Abraham, “Cha bhi chroimh sin anns a cheann sin:— Mach an deideadh! mach an deideadh!” Da uair an deigh a cheile. Fios air neamh is fios air thalamh, Fios aig do righ air do ghalar; Croimh is deideadh chuir fo ’n talamh. Seachd paidir a h-aon, (Dha, tri, ceithir, coig, sia), Seachd paidir a seachd. Neart nan seachd paidir Rinn Muire Mhor do Thriath nan dul, Do ’n chleireach naomh; cur do dhonas is do dholas Air a’ chlaich ghlais ud thall, ’S air buidheann na h-eucorach! ’S docha nach eil rùm agad do ’n chorr air an t-seachdain so. Bheir mi dhut tuilleadh dhe so ann an àireamh eile. (Ri leantuinn.) OISEIN AGUS A’ GHRIAN. B’ e Oisein bàrd fonnmhor na Feinne, agus mac Fhionnghail, righ mor-chuiseach nam buadh ’us nan sleagh. Bha meas mor aig Oisein air righ Sheallama nam feart. Tha e ’g radh mu Fhionnghal:— “B’ aluinn do smuaintean fein, a Threin, C’ uime tha Oisein ad dheigh gun neart? Ach seasaidh thu, athar, leat fein: Co e coimeas righ Sheallama nam feart?” B’ e Oscar mac Oisein. Mharbhadh Oscar ann an Eirinn. Bha e ’n a bheachd Malmhina nan seod ’us nam buadh, nighean Thoscair, a phosadh. Mun do thoisich am blar anns an do mharbhadh e, thubhairt Oscar r’a athair:— “Ma thuiteas mi ’n so ’s a’ bhlar Cuimhnich thusa uchd ban mar shneachd? Gath greine ’na h-aonar, mo ghradh! Lamh-gheal nighean Thoscair nam feachd.” Thug Fionnaghal a chomhairle so air Oscar:— “Leamsa cliu na dh’ aom a chaoidh, Mar d’ aithreacha biosa fein! Bi-sa mar shruth ris nan sair! Ri laigse nan lann cho ciuin Ri aiteal gaoith air raon an fheoir.” Is fior agus is tiamhaidh briathran righ na Feinne aig àm eile:— “Theid sinne mar aisling air chul Gun luaidh oirnn air raon nan sonn; Cha ’n aithnich sealgair ar n-uaigh, Cha bhi ainm dhuinn am fuaim nan sonn.” Bha Oisein air fhagail leis fein ann am feasgar a laithean. Fhuair e gradh ’us caoimhneas mor bho Mhalmhina (Mala Mhin) nighean Thoscair, d’ an tug Oscar gaol blath, dileas. Leugh mi ann am MAC-TALLA le toileachas mor, na rannan a sgriobh Domhnull Mac Leoid mu ’n da Mhalmhina. Bha Oisein dall ann an deireadh a laithean, mar tha e ’g innseadh duinn anns an duan a rinn e do ’n ghrein. Bha cor a’ bhaird gle mhuladach, on chaochail na cairdean duineil, aighearach, muirneach, a bha roimhe aige. Mar Oisein an deigh na Feinne: is ann mar so a b’ abhaist iomradh a bhi air a dheanamh air staid bhronach, aonaranach Oisein, am feadh a bha grian a bheatha ’triall le ceum deifireach gu dorchadas na h-airde ’n iar. Bhuilich Malmhina baigh, ’us tlus, ’us carthannachd nach robh gann no faoin, air a’ bhard urramach; agus is ann le onoir thaingeil a tha e ’deanamh luaidh orra ’na dhuain. Is ann le beul-aithris bho ghinealach gu ginealach eile, bho athair gu mac agus bho mhathair gu nighean, bho neach aig an robh cuimhne laidir gu neach eile aig an robh cuimhne laidir mar an ceudna, a thainig dain Oisein a nuas thar na linntean. Is ann bho Iain Mac-an-t-Saoir, a bha ’chomhnuidh ann an Gleann-Urchaidh, an taobh mu thuath Earraghaidheil, a fhuair an da bhrathair Mac Caluim na dain a rinn Oisein do ’n ghrein ann am eiridh agus ann am luidhe. Thig e dhuinn daonnan a bhi tabhairt fainear nach robh aig Oisein ach nadur fein mar oide-foghluim. An iarmailt shuas, a’ ghrian agus a’ ghealach, reul ’us rionnag; na cnoic arda ’s na comhnardan iosal; an cuan stuadhach, beucach, ’us na sruthan tormanach; an eas gaireach agus an sgairneach cruaidh; lusan boidheach nam magh, ’us fraoch gaganach, badanach an aonaich; an stoirm fhuaimneach agus seasgaireachd chiuin nan speur ’us nan sliabh; ceo tiugh ’us eutrom, ’us uisge blath nan sian; a’ ghaoth ard, threun, agus an osag mhalda, mhin; b’ iad so uile cairdeas bhaigheil Oisein, agus thug anam a’ bhaird gradh daimheil doibh. Is iomadh samhladh boidheach, tlachdmhor a thug Oisein bho ’n ghrein ’us bho ’n ghealaich, ’us bho gach atharrachadh snuaidh a bhuineas doibh, am feadh a tha neoil ’us ceo air aghaidh na talmhainn, agus an uair a tha aodann an t-saoghail glan, grinn, soilleir, gun ghruaim, gun bhruaillean. Tha ioghnadh air Oisein gu bheil a’ ghrian daonnan laidir, soilleir. C’ aite am bheil i faotainn a treoir ’s a soluis uile? An trath a dh’ eireas i agus a ruigeas i meadhon nan speur, tha gach reul ’us gealach as an t-sealladh, agus tha ’ghrian a rioghachadh le ’fein a mhain. Tha ’m bard a’ caoidh nach ’eil comas aige air gnuis aoidheil na greine ’fhaicinn. Tha e ’creidsinn gu fas a’ ghrian fein aosda, lag ’us liath, agus gu bi i fathast na h-aonar. Tha e ’g iarraidh oirre ’bhi aoibhneach, am feadh a tha i fataast neartmhor, agus a tha gach laigse ’s deuchainn fada uaithe. Nach oirdheirc ’us nach firinneach a tha smuaintean a’ bhaird, a’ gabhail beachd mar bha e, leis a’ ghliocas a bhuilich nadur air, air cruth, ’us boidhchead, ’us crioch na [TD 114] [Vol. 7. No. 15. p. 2] greine. Co fada ’s a bha sealladh nan suil aig Oisein, bha aighear sonruichte aige ann a bhi ’g amharc air a’ ghrian an trath a bha i ’dol gu leabaidh anns an iar. An uair a tha aghaidh nan speur gun smal, gun ghruaim, gun smuairean, tha luidhe na greine anns gach tir fior-bhoidheach. Fo mhullach nan cnoc anns a Mhorbheinn chunnaic Oisein uairean gun àireamh a’ ghrian a’ dol fodha, ’s ag oradh nam beann ’us nan srathan, nan loch ’us nam magh le ’gathan buidhe, àluinn. Tha Oisein a’ deanamh luaidh ghasda air an doigh bheusach, mhalda anns am bheil na tonnan ag amhairc air a’ ghrein agus a dol g’a suain. Tha cinnte aige gu pill a’ ghrian, agus gu toisich i anns an aird’ an ear a’ cuairt a rithist air an latha maireach. Is coir, mata, do gach neach a tha leughadh MHIC-TALLA, dain Oisein do ’n ghrein ionnsachadh gu pongail, toileach. Cha ’n ’eil ann an Greugais no Laidionn, ann am Beurla no Frangais, briathran a’s luraiche, no ’s maisiche na iad so ’sgriobh Tormoid Mac Leoid mu ’n ghrein: “Cha ’n ’eil aon sealladh air aghaidh an t-saoghail gu leir a’s aillidh na eirigh na greine. Ann an camhanaich na maidne tha neul liath-ghorm nan speur ag atharrachadh. Tha na reultan a’ teicheadh as an t-sealladh ’s a’ folach an cinn. Tha ailleachd orbhuidh a’ direadh nan speur uidh air n-uidh, a’ toirt rabhaidh gu bheil a’ ghrian a teachd. Tha na neoil shuas a’ gabhail dath an oir a’s deirge dreach. Tha na cnuic arda ’togail an cinn le aoibhneas. Tha ’choill ’g eiridh gu dosrach, urar. Tha na machraichean fein, fo ’n druchd ghorm a tha air gach feoirnein maoth, a’ dealradh le soillse aghmhor. Ceum air cheum mar tha ’n solus a’ meudachadh, tha ’n sealladh a’ cinntinn ni ’s maisiche, gus fadheoidh o shoillse gu soillse, am bheil an aon chuspair a’s glormhoire r’a fhaicinn, Eirigh na greine.” CONA. SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. V. Bha am fear a thug a dh’ ionnsuidh an taighe mi ’gam fheitheamh agus an t-aiseal aige. Chaidh mi air a mhuin agus mharcaich mi gu ruige an taigh-osda. Thuirt mi ris e thighinn g’ am iarraidh feasgar aig uair araidh; agus a chum gu’m bithinn cinnteach gu’n tigeadh e, cha do phaigh mi e gus an tigeadh e rithist. Cho luath ’s a rainig mi an taigh-osda thug mi ordugh do m’ sheirbhiseach uan math a cheannach, agus caochladh sheorsachan arain a chum an cur mar ghean mhath a dh’ ionnsuidh na mna-uasail. ’Na dheigh sin bha mi ’cur mo ghnothaichean an ordugh gus an d’ thainig am fear aig an robh an t-aiseil. An sin chaidh mi maille ris a dh’ ionnsuidh taigh na mna-uasail, agus an uair a rainig mi ghabh i rium le toileachadh mor mar a rinn i roimhe. Chuir sinn seachad an oidhche leis gach solas is toileachadh a mhiannaich sinn. Anns a’ mhadainn an uair a bha mi ’falbh dh’ fhag mi sporran eile anns an robh leith cheud bonn oir fo’n chluasaig. Lean mi air a bhith taghal oirre a h-uile latha, agus air a bhith ’fagail bonn oir fo’n chluasaig gus an do chosg mi a h-uile bonn oir a bh’agam ri fhaotainn o na marsantan do’n tug mi am bathar ri’ reic. Mu dheireadh cha robh bonn ris an t-saoghal agam, agus cha mho a bha fhios agam c’aite am faighinn airgiod no or. Anns an t-suidheachadh chruaidh so dh’fhalbh mi mach as an taigh-osda ’s gun fhios agam air ur-uachdar an t-saoghal ciod a dheanainn, agus thachair dhomh a dhol rathad a’ chaisteil. An uair a rainig mi e bha moran sluaigh cruinn a thainig a dh’ fhaicinn seallaidh a bha righ na h-Eipit a’ toirt seachad. Dhinn mi mi-fheinn a steach am measg an t-sluaigh, agus thachair gu’n robh marcaiche ann an eideadh maiseach faisge orm. Bha poca ’n crochadh ris an diollaid aige, agus bha sreang de shiod’ uaine an crochadh am mach a beul a’ phoca. Smaoinich mi anns a’ mhionaid gur e sreang sporrain a bh’ann, agus ghrad rug mi oirre. Anns an am bha fear air an robh eallach fiodha ’dol seachad air an taobh eile dhe’n mharcaiche, agus air eagal gu’m buileadh am fiodh air, thionndaidh e ’aghaidh an taobh a bha e. Anns a’ mhionaid fhuair an droch spiorad mi; agus thug mi leam an sporran as a’ phoca cho ealamh ’s nach do mhothaich duine sam bith dhomh. O’n a bha’n sporran gu math trom cha robh teagamh agam nach robh cuid mhath de dh’or no de dh’ airgiod ann. Cha bu luaithe a chaidh am fear air an robh an t-eallach seachad na chuir am marcaiche a lamh a’ phoca, agus an uair a dh’ionndrainn e an sporran ghrad ghabh e amhrus gur e mise a thug leam e, agus thug e buille dhomh anns a’ chluais a leag thun an lair mi. An uair a chunnaic na daoine a bha mu’n cuairt dhuinn mar a leag e mi leis a’ bhuille ghabh iad diumbadh mor air. Rug cuid dhiubh air srian an eich, agus dh’ fheoraich iad dheth ciod e an gnothach a bh’aige a leithid de dhroch bhuille a thoirt dhomh. “Fanaibh samhach,” ars’ esan gu frionasach, “tha aobhar math agam air son na buille a thug mi dha. Cha ’n eil ann ach an dearg mheirleach. An uair a chuala mi so dh’ eirich mi ’nam sheasamh. Agus o nach robh coltas a’ mheirlich orm ghabh na daoine mo thaobh, agns thoisich iad ri radh risan nach robh ann ach am breugaire, agus nach creideadh iad gu’n goideadh fear mo choltais rud sam bith. Ach am feadh ’s a bha iad a’ cumail an eich air shrein air ghaol cothrom a thoirt dhomhsa mo chasan a thoirt as, gu mi-fhortanach thachair gu’n robh breitheamh a’ dol seachad laimh ruinn. An uair a chunnaic e na bha de dhaoine timchioll ormsa ’s air a mharcaiche, thainig e far an robh sinn, agus dh’ fheoraich e ciod a bha cearr. Ghabh na h-uile a bha lathair mo thaobh-sa, agus bha iad anabarrach diumbach dhe’n mharcaiche a chionn a chridhe bhith aige ’radh gu’n goideadh duine uasal mar a bha mise ni sam bith. Cha tug am breitheumh moran geill do na bha’n sluagh ag radh; ach dh’ fheoraich e de’n mharcaiche an robh amhrus aige air duine sam bith eile ach mise? Thuirt am marcaiche ris nach robh, agus dh’ innis e an t-aobhar a thug air lan-amhrus a ghabhail ormsa. An uair a chual’ am breithreamh so, ghrad dh’ ordaich e do na maoir mise ’ghlacadh, agus mo rannsachadh. Rinneadh mar a dh’ aithn am breitheamh, agus an uair a fhuaradh an sporran agam shealladh do’n t-sluagh e. Bha mi cho mor air mo mhaslachadh ’s air mo narachadh ’s gu’n do thuit mi ann an laigse anns a’ bhad ’s an robh mi. Anns a’ cheart am dh’iarr am breitheamh an sporran a shineadh dha. An uair a fhuair e ’na laimh e, dh’ fhaighneachd e dhe’n mharcaiche, am b’ ann leis a bha e, agus ciod e an t-suim a bh’ann? Thuirt am marcaiche ris gu’m bu leis an sporran gu’n teagamh sam bith, agus gu’m bu choir fichead bonn oir a bhith ann. Dh’ ordaich am breitheamh mise thoirt ’na lathair, agus thuirt e, “So, so, ’oganaich, aidich an fhirinn. Nach tusa thug an sporran o’n duine uasal so” Aidich an fhirinn gun tuilleadh a bhith m’ a dheidhinn, ar neo theid do chradh-phianadh gus an aidich thu i gu saor.” Cha b’ urrainn domh mo shuil a thogail bhar an lair leis an naire, ach smaoinich mi gu’m b’ fhearr dhomh an fhirinn innseadh gu saor, soilleir na teannadh ri aicheadh gu’n robh mi ciontach; oir dheanteadh peanas dubailte orm na’m faighteadh mach gu’n robh mi ag innseadh nam breug gus mi fhein a shaoradh. Sheall mi air a’ bhreitheamh an clar an aodain, agus dh’ aidich mi gu h-umhail gu’n robh mi ciontach. Cha bu luaithe a rinn mi an aidmheil so na dh’ ordaich am breitheamh ann an lathair an t-sluaigh an lamh dheas a ghearradh dhiom aig caol an duirn. Rinneadh so ann an ionad nam bonn, agus bha duilichinn gu leor air a h-uile neach a bha’n lathair. Thug mi an aire gu’n robh truas gu leor aig a’ mharcaiche fhein rium. Bha ’m breitheamh gus ordugh a thoirt seachad mo chas dheas a ghearradh dhiom, ach ghuidh mi air a’ mharcaiche facal a chur a staigh as mo leith. Rinn e so gu toileach, agus leig am breitheamh as mi gun tuilleadh dioghaltais a dheanamh orm. An uair a dh’ fhalbh am breitheamh, thainig am marcaiche far an robh mi, agus an sporran aige ’na laimh, agus thuirt e, “Tha mi ’creidsinn gur e an fhior eiginn a thug air do leithid de dhuine og, maiseach an gniomh narach, maslach ud a dheanamh. So dhut an sporran mi-shealbhach, agus cum agad e. Tha mi ’g a thoirt dhut le m’ uile chridhe, agus tha am mi-fhortan a thainig ort an diugh a cur dorrain gu leor orm.” An uair a thuirt e so, dh’ fhalbh e. O’n a bha mi air fas fann leis na chaill mi dh’ fhuil ghabh cuid dhe na daoine truas dhiom, agus an deigh dhaibh mo thoirt a steach do thaigh, thug iad dhomh glaine fhiona a neartaich mi gu mor. Na dheigh sin chuir iad stad air an fhuil, agus phaisg iad suas mo lamh cho math ’s a b’ aithne dhaibh. An uair a dh’ fhalbh mi thug mi leam am pios dhe’n laimh a ghearradh dhiom. Ged a bhithinn air tilleadh do’n taigh-osda anns an staid mhuladaich so, cha’n fhaighinn ann aon chuid comhfhurtachd no co-fhaireachadh. Agus bha mi ’ga mheas ’na ghnothach cunnartach a dhol far an robh a’ bhean uasal anns an staid ud, gun fhios nach cuireadh i dubh-chul rium an uair a chluinneadh i gu’n do mhaslaich mi mi-fhein. Ach mu dheireadh chuir mi romham gu’n cuirinn an deuchainn oirre co dhiubh. Gus faighinn a luib an t-sluaigh a bha ’g am leantuinn bha mi ’g imeachd car greise air feadh caol shraidean a’ bhaile. Mu dheireadh rainig mi an taigh aig a’ mhnaoi uasail, agus bha mi cho sgith ’s cho claoidhte ’s gu’n do leig mi mi-fhein ’nam shineadh air langsaid cho luath ’s a chaidh mi steach. Bha mi cumail mo ghairdein am falach cho math ’s a b’ urrainn domh. Cha bu luaithe chual’ a bhean uasal gu’n d’ thainig mi agus nach robh mi gu math na ghrad thainig i steach do ’n t-seomar far an robh mi. An uair a chunnaic i an droch dhath agus an coltas muladach a bh’ air m’ aodam, thuirt i, “A ghraidh mo chridhe, ciod e tha ’cnr dragh’ ort?” “A bhaintighearna,” arsa mise ’s mi teannadh ris na leithsgeulan, “tha mo cheann anabarrach goirt.” Bha mo shuidheachadh a’ cur dragh mor oirre, agus dh’ iarr i orm suidhe, oir dh’ eirich mi ’nam sheasamh a chur failte oirre. “Innis dhomh cia mar a dh’ fhas thu tinn. Bha thu gle shlan an uair mu dheireadh a chunnaic mi thu. Feumaidh gu’m bheil thu cumail ni eiginn an cleith orm. Innis dhomh ciod e th’ ann,” ars’ ise. Bha mi ’nam sheasamh ’s gun aon fhacal a’ tighinn as mo cheann, agus thoisich na deoir ri sruthadh gu bras sios le m’ ghruaidhean. “Cha’n urrainn mi ’thuigsinn ciod a tha ’g ad chur fo thrioblaid,” ars’ ise. “An d’ thug mi gun fhios dhomh fhein aobhar-oilbheam sam bith dhut? No, an d’ thainig tu a dh’ aon ghnothach a dh’ innseadh dhomh nach ’eil gradh agad dhomh na’s mo?” “Cha’n e sin a tha ’cur mi-ghean orm idir,” arsa mise ’s mi ’tarruinn osna throm, “tha’n t-amhrus a th’agad gu’m bheil a run orm cul a chur riut a’ cur an tuilleadh ri mo mhi-fhortan.” Cha b’ urrainn domh aig an am aobhar mo bhroin ’s mo mhulaid innseadh [TD 115] [Vol. 7. No. 15. p. 3] dhi. An uair a thainig an oidhche ’s a chuireadh an t-suipear air a’ bhord, bha i ’g am choiteach gu rud itheadh; ach o nach b’ urrainn mi rud itheadh ach le mo laimh chli, bha mi ’g radh rithe nach robh acras sam bith orm, agus bha mi ’g iarraidh oirre mo leithsgeul a ghabhail. “Gheibheadh tu cail do ’n bhiadh, na’n innseadh tu dhomhsa an ni a tha thu cho toileach a chumail an cleith orm,” ars’ ise. “Ochan! a bhaintighearna,” arsa mise, “tha mi ’faicinn gu’m feum mi an fhirinn innseadh gun dail.” An uair a thuirt mi so, ghrad lion i cupan dhe’n fhion a bh’ air a’ bhord, agus thairg i dhomh e, ag radh, “Ol sin, agus gheibh thu mìsneach.” Rug mi air a chupan ’n am laimh chli, agus thoisich mi ri sileadh nan deur na bu bhraise na bha mi riamh. “C’ar son a tha thu ’g osnaich ’s a’ sileadh nan deur air an doigh sin,” ars’ ise, “agus c’ar son a rug thu air a’ chupan ’na do laimh chli?” “Gabh mo leithsgeul, tha mi ’guidhe ort tha at air mo laimh dheis,” arsa mise. “Seall dhomh do lamh agus leigidh mi air an at,” ars’ ise. Thuirt mi rithe nach robh an t-at abuich gu leor gu leigeadh air, agus gu’m b’ fhearr dhi mo leithsgeul a ghabhail. Dh’ ol mi h-uile deur dhe ’n fhion, agus leis cho lag ’s a bha mi chuir e suaineach ’nam cheann. Ann an tiotadh thuit mi ’nam chadal, agus cha do dhuisg mi gu maduinn. (Ri leantuinn.) SEORAS BUCHANAN. LE IAIN DUBH. B’ Albannach a duine sònruichte so. Ged a bha a pharantan ann a suidheachadh bochd ’sa chrannchur, fhuair Seòras fòghlum math, ni a bha e glé dheas gus a thogail. A thaobh a thuigse, a’ ghliocas agus a dheas-bhriathrachd, bha e fad’ os ceann neach air bith ’san linn anns a robh e beò. Bha e na fhear-teagaisg agus na chomhairliche aig Righ Seumas an siathamh, ach gu follaiseach bha e air ainmeachadh mar “Amadan an Righ.” ’Sann an Sasuinn a bha e chomhnuidh, ach bha taobh blàth aige ris na h-Albannaich, agus bha e ullamh gu còmhnadh a dheanamh leo uair sam bith. Tha naigheachd mhath air innseadh air Deòrsa turus a bha e ann an cuideachd anns a robh na h-uibhir do dh’ easbuigean Sasunnach. Dh’ éirich argamaid eatorra a thaobh fòghlum, ach ghearradh Seòras iad thall ’sa bhos. “Cha bu choir dhuitsa Albannaich,” arsa fear dheth na bha làthair, “’bhi air do dhùthaich fhàgail idir.” “C’arson?” arsa Seòras. “Tha bho ’n thug thu leat a’ h-uile sad gliocais a bh’ innt.” “Cha tug, cha tug,” ars’ esan, “cumaidh na cìobairean Albannach deasbaireachd ri easbuig ann a Sasuinn, agus tha iad fad os an ceann ann a fòghlum.” Ghabh na h-easbuigean so ’na thamailt, agus ’se bh’ ann gu ’n d’ rinn iad triùir dhiubh féin a shònrachadh gu dol a dh’ Alba chum dearbhadh a chur air na cìobairean. Air do Sheòras fios fhaotainn air an rathad a ghabh iad, ghabh esan rathad eile agus bha e ’n Alba air thoiseach orra. Fhuair e cìobair an sin faisg air na criochan Sasunnach, agus thug e air a dheise a thoirt dà agus gu’m buachailleachadh e fein na caoirich car treis. Threòraich Seòras na caoirich faisg air an rathad a bha na h-easbuigean gu tighinn, agus co luath ’sa chunnaic e iad thòisich e air seinn òran ann a Laidionn. ’Nuair ’thàinig iad suas ris dh’ fheoraich fear dhiubh ann a Fraingeis, “Gu de ’n uair a bha e.” Fhreagair Seòras ann an Eabhra. Dh’ fheoraich an dara fear ann an Greugais, “Gu de ’n dùthaich dha ’m buineadh e.” Fhreagair Seòras ann an cainnt na h-Ollaind, “Nam biodh fhios aig air sin gum biodh e cho glic ris fein.” Dh’ fheoraich an treas fear ann an Duidse, “C’ àite ’n d’ fhuair thu d’ fhoghlum?” Fhreagair Seòras ann an cainnt eile, ’s docha gur e Gàidhlig, “Gu ’n d’ fhuair a buachailleach a chuid chaoraich eadar so agus Lochaber.” ’N uair a chuala iad so thuirt an dara fear ri cach, “Cha ruig sinn a leas a dhol ni’s fhaide” “Gu de,” arsa Seòras, “Am bùidsearan sibh? Creicidh mi caoraich ribh.” Cha do fhreagair iad, ach dh’ fhalbh iad gu brònach, a creidsinn gu robh na h-Albannaich os ceann muinntir rioghachd sam bith ann am foghlum. Cho luath ’sa fhuair Seòras air falbh iad, chuir e dheth deise a chìobair, chuir e uime aodach fein agus thug e Lunnainn air, air ball. Rainig e tri latha roimh na h-easbuigean. ’Nuair a chuala na bha cruinn, ga ’m feitheamh, mar thachair dhaibh, dh’ éirich sean easbuig suas, agus ars esan, “An e gum freagradh na cìobairean na ceistein sin. Cha chreid mi guth dheth; cha fhreagradh na ministearan aca iad. Cha ’n ’eil unnt’ ach treud de ghillean lòm-smigeach, aineolach.” ’Nuair a chuala Seòras so smaointich e gu robh ’n t-àm aig’ éiridh. “A dhuin’-uasail,” ars esan, “ghabh thu na gillean lòm-smigeach, aineolach orra. Tha feusag gu math fad ort fein, agus na robh gràs air a thomhas ri feusagan, bhiodh e gu h-iomlan aig na h-easbuigean agus na gobhair, ni tha ’n aghaidh an Sgriobtur.” “Gu dè,” ars an t-easbuig, “an Albannach thusa?” “Is Albannach mise,” arsa Seòras. “Gu dè, ma ta, an t-eadar-dhealachadh tha eadar Albannach agus umbaidh?” “Cha ’n ’eil dad an dràsda,” arsa Seòras, “ach leud a bhùird so.” Bha bòrd eadar Seòras agus an t-easbuig. Thachaìr do dhròbhair Gaidhealach agus do sgiobair Sasunnach bhi ’g òl comhladh an tigh-òsd. Bha gille le gach fear aca. Bha gille ’n dròbhair cho colgarra coltas, e cas-ruisgte, ceann-ruisgte, ’s gun do dh’ fhoighneachd an sgiobair, c’ àite ’n d’ rug e air. “Rug,” ars an dròbhair, “anns a mhonadh leis na coin.” Chreid an sgiobair e. “Faic,” ars esan, “an gille sin agamsa, sin agad snàmhaiche ’s fearr am Breatunn.” “O!” ars an dròbhair, “snàmhaidh an gille agamsa e gus am bi e bog.” “Ma ta, cha dean e sin.” Chaidh fichead pùnnd chur air a gheall, agus la dearbhaidh a shuideachadh. ’Nuair thainig an dròbhair bochd thuige fein agus a smaointich e air na rinn e, oir cha snàmhadh a ghillesan na bu mhodha na clach, cha robh fios aige ciod a dheanadh e. Gu fortanach co thachair a bhi as a bhaile ach Seòras, agus ga ionnsuidh a ghabh e. Dh’ innis e dha ’n càs anns a robh e. Chuir Seòras air dòigh e mar a dheanadh e, agus gu ’m buidhinneadh e ’n geall. Thainig an latha agus choinnich na daoine aig an àite, agus an t-àm a chaidh a chuir air leth. Chaidh gille ’n sgiobair na eideadh air ball, agus bha e snàmh air ais agus air aghart, gus am biodh an gille Gaidhealach deiseil. ’Nuair a chuir e dheth, rug an dròbhair air a bhreacan; cheangail e ann caise, dòrlach aran, agus botul de dh’ uisge-beatha, agus chuir e gu dòigheil air cùl-amhach a ghille e, ag radh ris e innseadh dha bhean gu robh e slàn, agus a bhi cinnteach tilleadh ann a seachduinn. ’Nuair a chaidh an gille dha ’n mhuir, sheall e as a dheigh agus ghlaodh e ri mhaighstir an claidheamh thoirt da ionnsuidh. “Gu de am fuireach ’th’ air a nise?” ars an gille Sasunnach. “Tha e ’g iarraidh a chlaidheamh.” “A chlaidheamh! gu de feum a th’ aig air.” “Tha air son e fein a dhìon ma thachras muc-mhara air. Tha fios gun tachair te air mu ’n ruig e Lochaber.” ’Nuair a chuala càch so smaointich iad gu robh e cho math còrdadh a dheanamh ris an dròbhair. Mar sin troimh sheòladh Sheòrais fhuair an dròbhair an geall. Bha Seòras uair a mach ’san dùthaich a marcachd. Air dha fàs acrach chaidh e gu tigh-òsd gus a faigheadh e fein ’s an t-each biadh. B’ fheudar dha pris dhùbailte a phàidheadh air son a h-uile dad a fhuair e. Cha do leig Seòras dad air ach dh’ fhalbh e air a thurus. Anns an tigh-òsd anns a robh e ’n oidhche sin, chaidh buntainn ris air an t-seòl cheudna. Bha aige ri dhol beagan ni b’ fhaide air a thurus a la ’n ’mhaireach, agus thill e ’n oidhche sin gus a cheart tigh-òsd on d’ fhalbh e ’sa mhaduinn. ’Nuair a thainig e dheth ’n each dh’ fhoighnaich gille ’n stàbuill, “Gu de bheir mi dha ’n each?” “An rud a thogras tu,” arsa Seòras. ’Nuair a chaidh e da sheòmar, thàinig an t-òsdair fein ’s dh’ fhoighnich e, “Gu de ghabhas sibh gu air suipeir?” “An rud a thogras sibh òsdair,” arsa Seòras. Air a mhaduinn dh’ éirich Seòras gu math tràth, agus ghlaodh e ris a ghille ’n t-each a dheanamh deiseil, gu robh aige ri falbh air ball. Thug e bonn airgead dha ’n gille, ag radh, gun do phàigh e air son na fhuair e anns an tigh moch-thrath. Mu mheadhoin latha thainig Seòrsa gu tigh-òsd eile, agus co thachair ris an sin ach an t-òsdair a bha e na thaigh aig toiseach a thuruis. “Cha chreid mi,” ars esan, “nach robh sibhse anns an tigh agam-sa ’n latha roimhe.” “Bha,” arsa Seòras, “tha cuimhne agam oirbh.” “Agus c’àite an robh sibh ’n raoir?” ars esan. “Bha mi,” arsa Seòras, “anns an tigh-òsd ’s fhearr ’san dùthaich; fhuair mi gach ni gun iarraidh, agus cha do phàigh mi ach an aon sè-sgillinn.” “Ma ta, bidh mise ’n sin an nochd,” ars esan. “Gu dearbh bu chòir dhuit sin; ach cuimhnich ’nuair a dh’ fheoraicheas iad gu de ghabhas sibh fein, na ’n t-each, gun abair sibh, ‘an rud a thogras sibh.’” Bha Seòras coir a gaireachdaich ann fein, a smaoineachadh mar a bha e gus an dara òsdair fhaotainn gu dioladh air an fhear eile. Bha e car anamoch mu ’n d’ fhalbh an t-òsdair so air a thurus, agus bha trath cadail mu ’n d’ rainig e ’n tigh-òsda saor. Dh’ fheoraich an gille dheth, “Gu de bheir mi dha ’n each?” “An rud a thogras tu ’ille,” ars an t-òsdair. Cha do dh’ éisd an gille ’n còrr, ach mach a ghabh e gu seòmar a mhaighstir. “A mhaighstir! a mhaighstir!” ars esan, “tha ‘’n rud a thogras tu’ air tilleadh.” “An t-eucorach,” ars esan, “ni mise ‘an rud a thogras tu’ air;” agus ’mach a ghabh e le slait agus laidh e air stialladh an òsdair bhochd gus nach mor nach do mharbh se e. Bi sinn a co-dhùnadh (mar their na ministeirean) le aon naigheachd bheag eile air Seòras. Bha duin’-uasal ann a Sasunn bh’ air son dearbhadh a chuir air tapachd Sheòrais. Air an aobhar sin bha ’n righ gu Seòras a chur air turus a dh’ iarraidh suim airgid, agus bha duine mor a bha sin gu tachairt air gus an t-airgiod a thoirt bhuaithe. Bha ’n duine so air armachadh le claidheamh agus daga. “Liubhraig bhuat na bheil agad, air neo ’s duine marbh thu,” ars esan. “Tha beagan airgiod agam,” arsa Seoras, “ach cha leam fein e, ’s leis sin cha toil leam dealachadh ris; ach bho ’n tha thu air son fhaotainn a dheòin no dh’ aindeoin, bi cho math agus do chuid urchairichean a losgadh troimh sgeoid mo chòta chum ’s gu faic mo mhaighstir nach ann gun stri a dhealaich mi ri ’chuid.” Cha luaithe fhuair Seòras an daga falamh, na bha e mach le chlaidheamh a bh’ aige fo chòta, agus shad e dheth ’n fhear eile ’n làmh anns a robh e giùlan a chlaidheamh. Cha bu luaithe thill Seòras na chaidh fhaighneachd dheth ’m fac e duine sam bith chuir dragh air, air an rathad. “Cha ’n fhac,” arsa Seòras, “ach aon fhear a bha dol a thoirt an airgiod bhuam, ach thug mi air a làmh thoirt dhomh, nach deanadh e leithid a rithist.” “Thug,” ars’ iadsan, “Thug,” arsa Seòras. “Giùlanadh an obair fianuis;” agus thilg e ’n làmh sios air am beulthaobh. [TD 116] [Vol. 7. No. 15. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 4, 1898. NAIGHEACHDAN AS A’ GHAIDHEALTACHD. Tha sinn toilichte gu ’m bheil againn ri radh gu ’m bheil cuisean a’ dol air aghart anns a’ Ghaidhealtachd mar nach olc. Bha samhradh agus foghar math againn. Thainig cinneas air feur ’s air arbhar air feadh gach cearn dhe ’n duthaich gu math na b’ fhearr na b’ abhaist; agus fhuaradh fo dhion iad gun domail sam bith. Bha eagal gu leor air daoine mu thoiseach an fhoghair nach fhaighteadh am barr fo dhion gu sabhailte, a chionn gu ’n robh an t-abachadh air thuar a bhith fadalach. Ach an àm na buana bha ’n aimsir cho briagha ’s cho tioram ’s a b’ urrainn duine sam bith iarraidh. Mar a tha fhios aig na h-uile a tha saoithreachadh fearainn, tha ’n t-arbhar a bhuainear tioram gle fhurasda ri chaoineachadh. Aig àm an dluthaidh thainig sìde cho fabharrach ’s a dh’ iarradh daoine. Cha ’n fhacas sguab fhliuch air achadh no air garadh iodhlann am bliadhna. Bha ’n talamh cho tioram ’s gur gann a rachadh rothan nan cairtean oirleach fodha ann. Ghabh an t-arbhar biadh gu leor; ach leis an eagal a bh’ air daoine gu ’n tigeadh droch shìde, cha do leig iad leis a bhith abaich gu leor mu ’n do bhuain iad e. Cha dean an gràn min mhath o nach d’ fhuair an t-arbhar cead abachadh mar bu chòir dha. Ach cha ’n ’eil a bheag de mheas aig daoine anns na bliadhnachan so air min na dùthchadh idir. Cha ’n fhada gheibhear duine a chuireas a bheul oirre. Tha daoine air fas cho cleachdte ris a’ mhin Ghallda ’s nach aill leotha min Ghaidhealach a bhlasad. Agus rud a’s nàraich na sin, cha ’n aithne do dhaoine òga na dùthchadh sìol a chàthadh no ’rulladh, no brat a chruadhachadh, no min a chriathradh. Agus tha cuid dhe na mnathan òga do nach aithne min chorca no eorna ’fhuinneadh gu ceart. Fuinnidh iad, gun teagamh sam bith, flùr mar nach olc. O’n a tha so mar so, tha e cho math an t-arbhar a bhuain mu ’m bi e làn abaich; oir ni e biadh spreidhe math gu leòr. Fhad ’s a bha prìs mhath air spreidh agus a’ mhin gu math saor, bha e pailt cho buannachdail do dhaoine an spreidh a bheathachadh leis an arbhar agus a’ mhin a cheannach. Ged a thogadh prìs na mine gle àrd an uair a thoisich an cogadh eadar an Spain agus America, tha i a nis faisge air a bhith cho iosal ’s a bha i riamh. Chaidh an gaiseadh gu math fad air aghart anns a’ bhuntata ann an iomadh aite ’s a’ Ghaidhealtachd, gu sonraichte ann an Leodhas. Ach o’n a tha buntata gle phailt air a’ Ghalldachd, cha bhi e cho duilich pòr fhaighinn ’s a b’ àbhaist. Tha e nis soilleir gu leor do dh’ iomadh neach nach ’eil e ’na chall sam bith do dhaoine ged a thigeadh orra pòr ùr a cheannach uair ’s na ceithir bliadhna. Chaidh iasgach nan trosg ’s nan langan gu tur an aghaidh dhaoine anns a’ Ghaidhealtachd air a’ bhliadhna so. Ach ghlacadh barrachd dhe ’n sgadan air taobh an ear na h-Alba am bliadhna na ghlacadh bliadhna riamh roimhe. Ghlacadh ann an Steornabhagh toiseach an t-samhraidh, mu dhà fhichead mìle crann a bharrachd air na ghlacadh bliadhna sam bith eile. Agus araon ann an Gallaobh agus air taobh an ear na h-Alba, bha ’n sgadan cho pailt ’s gu ’m b’ fheudar a reic air prìs a bha gle iosal. Ach air a shon sin rinn na h-iasgairean am bithdheantas deadh thuarasdail. Chaidh call mor a dheanamh o chionn beagan laithean air corsa na h-aird an ear. Thoisich stoirm o’n ear ’s o’n ear-thuath Di-haoine so chaidh, agus lean i gu madainn Di-ciadain. B’ ann Di-mairt a bha i na h-airde; agus o’n a thachair gu ’n robh e faisge air mullach an rothairt, chuir a’ ghaoth laidir agus an làn àrd moran de chidheachan matha as a cheile gu buileach. Bhristeadh moran shoithichean; ach o’n a thachair gu ’n robh an àireamh bu mhò dhiubh aig acaire ann an àiteachan cho sabhailte ’s a gheibheadh iad, cha do bhathadh ach beagan dhaoine ann an coimeas ri mar a thachradh na ’n d’ rug an stoirm air na soithichean aig fairge. Thainig an t-uisge cho trom Di-luain ’s Di-mairt ’s gu ’n robh tuiltean mora ann an iomadh aite; gu h-araidh ann an Fife. Ach cha d’ rinn an stoirm a bheag de chall air feadh eileanan na Gaidhealtachd. Mar a theirteadh, bhrist an stoirm a cridhe, mu ’n d’ rainig i sinne. Agus cha mhor gu ’n d’ rainig deur dhe ’n uisge sinn. Ach fad nan coig latha a lean an stoirm, bha ’n t-sìde gle fhuar, fafanta. Is ann a bha ’n t-sìde coltach ris na laithean fuara a tha gu tric a’ tighinn oirnn anns a’ Mhàrt. Bha daoine a’ cur air a’ mhanadh gu ’n tigeadh an t-sìde fhiadhaich so oirnn, a chionn gur ann Di-sathairne so ’chaidh a thainig an solus ùr. Tha e air a radh gu ’n gabh solus Sathurna foghair an caoch tri uairean. Ghabh an solus a thainig Di-sathairne an caoch aon uair co dhiubh, ciod sam bith mar a thachras mu ’n teirig e. Cha ’n ’eil tuilleadh agam de naigheachdan annasach a fhreagradh air luchd-leughaidh a’ MHIC-TALLA. Tha tuaisgeal chogaidhean gu leor anns an t-saoghal; ach gheibh sibh fhein an taobh thall a dh’ fhairge fios mu ’n deidhinn na ’s luaithe na ’s urrainn dhomhsa fios a chur an null. IAIN. Mìos deireannach an fhoghair, am ficheadamh latha, 1898. Cha’n eil fios fhathast cianar a theid a chùis eadar Breatunn ’s an Fhraing. Tha an da rioghachd—Breatunn gu sònruichte—ag ullachadh air son cogaidh, agus tha làn dhùil aig moran gu’m bi e ann. Thainig fios oidhche Di-ciaduin gu robh Ruisia, a gabhail cothrom na h-aimhreit, an deigh Niu Chwang ann a China a ghlacadh, ni nach ceadaich Breatunn idir, agus a chuireas i an aghaidh, ma’s eigin, le faobhar a chlaidheimh. Gu firinneach, cha’n eil cùisean ag amharc gle shitheil, ach tha dòchas làidir aig daoine gu’n gleidhear an t-sith. Thainig soitheach-cogaidh Breatunnach, an Cordelia, a stigh do’n acarsaid so oidhche Di-ciaduin a dh’ iarraidh guail; tha e fhéin us soitheach eile a dol gu ruige Newfoundland, agus ’si barail dhaoine an so gu bheil iad air an cur an sin air son a bhi deiseil do St. Pierre, gus a ghlacadh ma thòisicheas cogadh. Gheibh thu am MAC TALLA agus am Family Herald and Weekly Star fad bliadhna air son dolar gu leth. Gheibh thu mar an ceudna dealbh “The Thin Red Line,” a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, agus a bu chòir a bhi aig a h-uile Gàidheal ’na thigh. ’S ann air son cothrom a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA an dealbh sin fhaotainn a tha’n tairgse so air a toirt seachad. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. Nov. 4, ’98. tf AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. Sidni, C. B., Nov. 1, ’98. [TD 117] [Vol. 7. No. 15. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha am flùr ag éiridh ann am pris. O chionn da sheachdain chaidh eadar 30 us 50c am barailte chur air. Cha’n eil teagamh nach eil sin air sàileabh a mhillidh a thàinig air a chrithneachd ann am Manitoba ’s anns an Iar Thuath. Chaidh gille a mharbhadh ann an Columbus, an stàit Ohio, Oidhche Shamhna, ’se ann am pàirc arbhair coimhearsnaich a’ goid còrn. Shaoil am fear leis ’m bu leis an còrn gu’m bu mheairleach a bh’ann, agus loisg e air; chaidh an urchair ’na cheann, agus bha e marbh air ball. Tha an Seanalair Gascoigne, a bha gus o chionn ghoirid ’na cheannard air arm Chanada, a mise ann a Hong Kong na cheannard air an arm Bhreatunnach. A bharrachd air àite-còmhnuidh saor a bhi aige, tha e faighinn coig mile deug dolair ’sa bhliadhna mar thuarasdal. ’Se ’s dòcha nach eil duilichinn sam bith air gu’n d’ thainig air Canada fhàgail. Chuir boirionnach d’ an ainm Burrell, ann an Toronto, as da triùir chloinne fhéin che-la-deug gus an diugh. Am feadh a bha a fear pòsda mach aig obair, thug i dh’ionnsuidh na lobhta iad, agus thachd i iad le cord, aon ma seach. Cha’n eil teagamh nach robh am boirionnach bochd as a rian. Thug i ionnsuidh uair roimhe air aon diubh a thachdadh, ach bha nighean a stigh a chuir stad oirre. An déigh na bliadhna so, cha bhi air na grand juries ann an Nobha Scotia ach da dhuine dheug, an àite ceithir duine fichead mar a bh’ ann roimhe so. Cha’n eil teagamh nach freagair sin pailt na’s fhearr, oir cha’n eil dearbhadh sam bith ri fhaotainn gu bheil ceithir duine fichead na’s buailtiche air breith chothromach a thoirt na tha da dhuine dheug. Tha moran ann, gu dearbh, a tha dhe’n bharail gu’m biodh ceartas air a riarachadh na b’fhearr gun juries idir; gu’m bu chòr a chùis fhàgail gu h-iomlan an laimh breitheamh. Ann am Providence, R. I., air an t-seachdain s’a chaidh bha seudair beairteach d’am ainm Benedict B. Lederer air a thoirt gu cùirt air son e bhristeadh air gealladh-pòsaidh a thug e do nighean d’ an ainm Traise V. Mainz. Bha i a’ sireadh leth-cheud mile dolair ($50,000) mar leigheas air a cridhe leòinte, agus an deigh moran cònsachaidh dh’aontaich an jury da mhile dheug us coig ceud dolair ($12,500) a thoirt dhi, direach a’ cheathramh uiread ’sa bha i ’g iarraidh. A reir coltais, is àite Providence anns nach fhaod daoine bhi ris an t-suiridhe mur eil iad a cheart da-rireadh. Tha arm na Tuirce a nise air a thoirt air falbh à Crete, agus tha an dùthaich o so a mach gu bhi air a riaghladh le rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa; cha bhi guth aig an t-Sultan ann an riaghladh Chrete tuilleadh. Tha mu cheithir mile deug deug de shaighdearan Eòrpach ri bhi air an eilean air son rian a chumail air an t-sluaigh, agus ceartas a dheanamh eadar duine agus duine. Mar a tha fhios aig ar leughadairean, tha an sluagh air an roinn ’nan Criosduidhean ’s nam Mahomedanaich; tha fuath mor aig muinntir an darra h-aidmheil do mhuinntir na h-aidmheil eile, agus tha e gle dhoirbh an cumail aig sith ri chéile. ’Se ’n dòigh a ghabhadh an Turcach gus an t-sith a ghleidheadh, na Criosduidhean a mhort ’sa mharbhadh ’s na Mahomedanaich fhàgail, ach gabhaidh an Riaghladh ùr dòigh eile; bheirear an còir fhéin do na h-uile, ’s cha bhi claon-bhàigh ri Criosduidh no ri Mahomedanach. Air an dòigh sin tha dòchas gu’m bi eilean Chrete gu math dheth, agus nach bi an còrr fala air a dhòrtadh ann le ar-a-mach no le ceannairc. Tha priomhair ùr aig an Fraing, an siathamh deug air fhichead fear an taobh a stigh a dh’ ochd bliadhna fichead. Cha toir na Frangnich fad sam bith air duine chur à dreuchd ’s fear eile chur na àite; tha iad a nise air fàs cho cleachdte ris. Thachair ni iongantach ann am baile Halifacs o chionn ghoirid. Chaochail dithis sheana mhnathan gle fhaisg air a chéile, a bha dhe’n aon ainm ’s dhe’n aon aois. B’ ainm dha’n dithis Mrs. Elanor Lindsay, agus bha gach te dhiubh ceithir fichead bliadhna sa tri a dh’ aois. Bha càirdeas fad as eatorra cuideachd. Tha pàrlamaid New Zealand an deigh lagh a dheanamh leis am bi peinsean air a bhuileachadh air muinntir a tha air tighinn gu seann aois. Gheibh a h-uile duine tha tri fichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois, agus aig nach eil os cionn $1.65 de teachd-a-steach dha fhéin, $90 sa bhliadhna o’n stàit air son chumail suas. Feumaidh duine a bhi fo dheagh chliù agus a bhi chòmhnuidh ann an New Zealand fad chòig bliadhna fichead mu’m faigh e peinsean. B’e oidhche Di-luain s’a chaidh oidhche Shamhna. Cha d’ rinn gillean a bhaile so uiread cron air an turus so ’sa b’ àbhaist dhaibh a bhi deanamh bliadhnaichean eile, bha sianar mhaor air an cur a stigh air son na h-oidhche, agus chum iad sin casg orra. A bharrachd air a bhi deanamh chleasan anns nach biodh cron sam bith, bha e ’na chleachdadh an so a bhi ri iomadh ni a bhiodh na chall do dhaoine. Tha sinn an dòchas, uaithe so a mach, nach bi an seòrsa chleasan sin air an deanamh ’nar measg air oidhche Shamhna no air oidhche sam bith eile. Tha Uilleam, Impire na Gearmailte, an dràsda air chuairt ann an tir Phalestin; chaidh e stigh do’n bhaile naomhna, Irusalem, le mor-ghreadhnachas, Di-satharna s’a chaidh. Chuireadh fàilt agus furan air le arm na Tuirce, aig am bheil òrdugh o’n t-Sultan a bheatha dheanamh anns gach cearna de ’n Impireachd d’ an teid e. Is duine neònach an t-Impir’ Uilleam, agus tha an turus so troimh thir Chanain a’ cur ioghnadh gu leòr air muinntir na Roinn-Eòrpa ’s America. Cha’n eil fhios ciod is aobhar do’n chairdeas a tha eadar e fhéin ’s an Sultan aig an àm so, ach cha’n eil teagamh nach eil rud-eigin ’san amharc aca le chéile. Tha cuideachd de dhaoine anns na Stàitean a tha cur rompa an soitheach-cogaidh “Maine” a thogail à grùnnd acarsaid Habhana, ma bheir an Riaghladh cead dhaibh. Tha iad dhe’n bharail gu’n gabh sin deanamh gun chosguis mhor sam bith, agus ’se ’s dòcha, ma dhearbhas iad do’n Riaghladh gu bheil iad comasach, gu’m faigh iad an cead a tha iad ag iarraidh. An deigh a togail, theid an soitheach a chàradh, ’sa toirt o phort gu port gu bhi air a sealltuinn mar ioghnadh. ’Se b’ fhearr gu’n gabhaidh Riaghladh nan Stàitean air ais i, a toirt do na daoine thogas i fiach an saoithreach. Mur deanar sin bidh e cunnartach gu’m dean muinntir nan Stàitean cuspair-aoraidh dhith. IADSAN A’ PHAIGH. Domhnull Mac Eoghain, Brandon, Man. Gilleasbuig Domhnullach, Brooklyn, E. P. I. Iain Mac Thearlaich, Ottawa, Ont. Caorstaidh Nic Aoidh, Ripley, Ont. Eachunn Dùghlach, Exeter, N. H. I. W. Mac Isaic, Georgeville, N. S. Domhnull P. Lynk, Loch a Chanù. Alasdair Mac Suinn, Glaschu. Seumas Mac Leòid, Brook Village. Domhnull A. Gillios, Mabou Bheag. 50c. Calum Mac-an-t-Saoir, Aiseag Mhria. 25c. D. A. Caimbeul, Beinn nan Caimbeulach. An t-Urr P. R. Cunningham, Loch a Mhathain Ghil, Minn. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 118] [Vol. 7. No. 15. p. 6] DUINE BOCHD AN AGHAIDH A MHIC FEIN. Sgeul Firinneach. Bha Mìcheil Connal ’na chroiteir ionraic, còir, dlùth do Bhalina, an Eirinn. Thainig fiabhras gabhailteach eagalach air a theaghlach, ’s cha dùraichdeach coimhearsnach na fear-eòlais tighinn a stigh air a dhorus. Chaochail a bhean agus pàisd beag. Ghabh e féin am fiabhras. Thainig e uaithe; ach bha e co lag ’s nach robh comas aig air cosnadh a ghabhail, na ni air bith a dheanamh. Bha ’athair air an àm beò, agus fuireach maille ris. Cha robh greim béidh aca do sheòrsa air bith ri itheadh. Bha ’chlann a’ glaodhaich airson arain, ach cha robh greim ann air an son. Bha Mìcheil mar neach as a bheachd—air a bhuaireadh gun fhios ciod a b’ urrainn da ’dheanamh—gabhail fasgadh air uairibh taobh nan cnoc, seach bhi ’g éisdeachd gaoir nan leanaban, gun màthair a’ freasdal orra—’sa faicinn an t-seann duine a’ sìoladh as, ’sa bàsachadh le goirt. Cha robh fios aige ciod a dheanadh e; bha e mar dhuine as a chéil. Dh’ fhalbh e ’san oidhche, a’s ghoid e caora. Mharbh e i, a’s chleith e ’san t-sabhal i. Thainig maoir air an latha màireach. Fhuair iad a’ chaor’ air a fionnadh. Thug iad leo Mìcheil gu prìosan; a’s ghlac iad an seann duine mar a ceudna, gu bhi ’na fhianuis an aghaidh ’mhic. Thainig latha na deuchainn. Shuidh a’ chùirt, na morfhearan dearg agus sluagh mòr a’ làthair. Chualas air feadh na dùthcha mar thachair. Bha meas mòr air Mìcheil ’s air ’athair. Bha fios gur i ’n éiginn chruaidh a thug air a’ chaor’ a ghoid agus bha dòchas aig daoine nach b’ urrainn iad a’ chùis a dhearbhadh ’na aghaidh. Cha robh fianuis ac’ ach an seann duine, a’s ghairmeadh a stigh e. Mar bha na maoir ’ga thoirt a stigh, sheas a h uile h-aon ’bha làthair—bha iad co iarratach air sealladh fhaotainn dhe. Bha buachaill na treud as na ghoideadh a’ chaora nis ’ga cheasnachadh. Dhearbh e gu’n do chaill e aon de na caoirich ’bha’n earbsa ris, ’s gu ’n d’fhuair e closach caor’ ’an sabhal Mhìcheil; agus dhearbh na maoir nach b’ urrainn an seann duine ’bhi aineolach air na thachair, o’n dòigh anns na labhair e ri Mìcheil ’nuair bha iad a’ rannsachadh an tighe. Mu dheireadh thainig an seann duine, Peirie Connal, a stigh, a’s chuireadh an àite-suidhe na fianuisean e. Cha robh sùil ’sa chùirt, nach robh sochruichte air an t-seann duine. Chuir am breitheamh e féin a ghloine r’a shùil, a ghabhail beachd air an athair a ghairmeadh gu fianuis a thogail an aghaidh a mhic. Ged a bha seann Pheirie Connal air seargadh as gu mòr ’na neart ’s ’na choslas, sheas e suas gu misneachail. Bha rughadh is deirge ’na ghruaidh, is lasadh ’na shùilean gorm; ach bha a bhilibh co geal ri ite faoileann, ’s co tiòrram sheargte ri spoing. Sheas e, agus dhlùth-bheachdaich e air a’ bhreitheamh. “Dean suidhe, a dhuine chòir,” ars’ am breitheamh, “dean suidhe.” “Mòran taing,” arsa Peirie, “mòran taing—tha mi fad ’nar comain, ach ceadaichibh dhomh dol air mo ghlùnaibh car tiota beag.” Rinn e sin; agus an deigh do’n t-seann duine a cheann a lùbadh, agus comharadh na croise a dheanamh air clàr ’aodainn, dh’ amhairc e suas, agus thuirt e le guth slàn làidir, a chuala gach aon—“O thusa, mo Bhreitheamh a ta air nèamh! ’san riutsa tha m’ ùrnuigh—gu’n gleidheadh thu mi seasmhach air slighe mo dhleasnais air an àm, an làthair mo bhreitheamh saoghalta. Amen.” Air dha so a radh, suidhe e, agus dh’eirich am fear-tagraidh chum a cheasnachadh. “A Pheirie Connal, an aithne dhuits’ am prìosanach sin ’na shuidhe air do chùlthaobh? Amhairc air. ’Ne Mìcheil Connal is ainm dha.” “Matà,” arsa Peirie, “o’n uair ’san oidhche anns an d’ rugadh e, gus an oidhche sin anns na rinneadh an gnìomh sin airson a’ bheil mise an so, b’aithne dhomh Mìcheil gu maith—h-uile smuain bha ’na chridhe, b’aithne dhomh gach rùn ’s gach gnìomh; cha do cheil mo Mhìcheil féin ni riamh o ’athair, gu ruig oidhche na dunach. Ro’n oidhche sin, cha robh duine beò a b’ urrainn a ràdh ri m’ Mhìcheil féin gu’m b’olc. Thog mi e ann an eagal Dhé, ’s bha eagal Dhé air ’anam. Ach is cinnteach mi gu’n cual ar n-onair féin, ’s gach neach sa’ chùirt, mar thachair. Eisdibh rium, uaislean urramaichte; tha mise, seann Pheirie Connal, an so an diugh chum fianuis a thogail an aghaidh mo dheagh mhic, agus cuideachadh leis an lagh a chrochadh—mo mhac, m’aon mhac, mo Mhìcheil dleasnach féin! Ach airson sin uile, ’s còr dhuibh a thoirt fa’near ciod a thug air Mìcheil so a dheanamh. ’Sann air mo shonsa, agus airson na muirichinn bheag, a bha glaodhaich leis an acras, a rinn e ’n gnìomh. Bha’m fiabhras an tigh Mhìcheil. Thug am fiabhras air falbh a bhean agus a phàisd. Bha e féin ’na luidhe iomad seachduinn, ’s bu bhochd a ghuileachd. Chaidh e air tòir cosnaìdh air maduinn an latha sin, gun a thrasg a bhristeadh, gun greim itheadh; oir cha robh greim ann. ’Sann mar so a bha—gun uiread is aon chnap buntàta féin ’san tigh; agus ’sann an sin, fo bhuaireas, fo chaothach, ag éisdeachd glaodhaich a phàisdean, a rinn e e ’n gnìomh. Ach ghabh e aithreachas. Gheall e dhomh ’sa mhaduinn nach beanadh e do’n mhèirle—gu’n aidicheadh e’n gnothach uile dhàsan o’n do ghoid e i; agus fada mu’n d’thainig na maoir, bha e ’na aodach, gu falbh a dh’iarraidh na deirc am measg a luchd-eòlais. Sin agaibh fìrinn Dhé.” “’S éiginn dhomh fheòraich dhiot fathast,” ars’ am fear-tagraidh, “am fac thu Mìcheil ’san t-sabhal air an oidhche sin?” “Am faca mi e?” deir an seann duine. “Mata, chunnaic, le m’ shùilean féin chunnaic mi e.” “Ciod,” ars’ am fear eile, “bha e deanamh?” “Bha e—Dia a dheanamh tròcair airsan agus ormsa—bha e fionnadh na caorach le ’làimh féin.” Mar labhair e so, chrom e ’cheann, thuit na deòir; a’s, gar an cualas e, thainig reachd a’ bhròin ’na mhuineal. “’Nis, a dhuine chòir,” ars’ am fear-tagraidh, “ged is duilich leam a dheanamh, cha’n eil comas air. Gabh slat bhreac na cùirt, agus cuir i air ceann an fhir a chunnaic thu le ’làimh féin a’ fionnadh na caorach.” “Och, matà, matà! na iar orm sin a dheanamh, a dhuin’-uasail cheanail, na iarr orm.” Dh’eirich Peirie truagh a fàsgadh a lamhan, a’ sileadh nan deòir, ’sa gul. “Na iarr orm,” deir e, “géil dhomh an aon iarrtas so, mar is mian leat féin an guidhe ma dheireadh fhaotainn o d’ Bhreitheamh àrd.” “’S duilich leam a ràdh,” deir am breitheamh, “gur éiginn dhuit so a dheanamh. ’Se so an lagh, ’s cha’n eil dol as. Mar a labhair am breitheamh so, chrom e ’cheann, a’ cleith nan deòir a bha tuiteam air a’ phaipeir air an robh e sgrìobhadh. Ghabh Peirie an t-slat bhreac ’na làmh. Dh’amhairc e an aodann a mhic. “A Mhìcheil, a mhic,” deir e, “a Mhìcheil, mo thearmunn ’s mo ghràdh, ’ne t’athair fein ’s éiginn so a dheanamh, mo bhuachaill rùnach?” “Tha m’athair a’ deanamh mar bu chòir dha,” arsa Mìcheil. Le so chuir Peirie an t-slat air cheann a mhic. “Tha’n deuchainn seachad,” ars’ am fear-tagraidh, “cha’n eil tuille agam ri ràdh.” Dh’ eirich am breitheamh, duine cho aoidheil dhreachmhor ’sa shuidh riamh an cathair a’ cheartais, agus mar so labhair e ri uaislean a’ mhòid (mar theirear sa’ Bheurla, an jury):—“A dhaoine uaisle fhìrinneach, a tha air bhur mionnachadh gu ceartas a dheanamh eadar duine agus duine ’reir an lagh, chuala sibh a’ chùis so uile. Cha ’n fhaodar àicheadh nach do ghoid Mìcheil Connal a’ chaora. Tha sin ’na ghnothach làn chinnteach. Ach is cùis so nach d’ thainig a leithid riamh fo m’ bheachd. Tha mac air an robh deagh chliù riamh an so airson goid caorach, chum ’athair ’sa leanabain a’ chumail o bhàs. Tha’n seann duine, ’athair, air a ghairm chum fianuis a thogail ’na aghaidh. Dh’innis e an fhìrinn, an fhìrinn uile, ’s cha do chleith e ’bheag. Dhi-chuimhnich e ’ghràdh do ’mhac féin, a’ seasamh suas airson na fìrinn, agus a dhleasnas do Dhia na fìrinn. Cha do thachair ni orm riamh cosmhuil ris a so. Tha foghlum ri fhaotainn uaithe leis gach aon againn. Ach ’se mo bharail gu bheil e ’n comas na cùirt a chead a thoirt do’n phrìosnach. Ghoid e a’ chaora, gun teagamh, ach có bu leis a’ chaora? Cha d’ rinneadh a mach gur i ’chaor’ a chaill an duine so—am buachaile a thug an gnothach mu choinneamh na cùirt. Cha tugadh e ’mhionnan gur i ’chaor’ a chaill e a bh’ ann. Cha d’ fhuairear craiceann, na comharradh cluais, na dearbhadh air bith eile. Cha d’ rinnear a mach a’ chùis an aghaidh Mhìcheil. Cha’n eil aige ach amharus gur i ’chaor’ a chaill e bh’ ann. Theagamh, uime sin, gu’n tarruing esan a thug a stigh a’ chùis do’n chùirt air ais an gnothach uile gu léir, agus mar sin gu’m faodar am prìosanach a leigeil as.” Air a’ cheart àm so, thainig duin’-uasal eireachdail air aghart do’n chùirt le cabhaig, a’s fallus a’ tuiteam a nuas o ’mhàlaidhean. “Bu leams’ a’ chaora chaidh ’chall,” deir e, “’s cha bu leis a’ bhuachaille. Cha ’n eil mise ag agairt a’ phrìosanaich, na cuir na mèirle as a leith. B’fhearr leam a h-uile h-aon do ’n treud a chall, na cridhe an t-seann duine a bhristeadh, na Mìcheil còir a chrochadh. Cha chuala mi diog mu dheibhinn so gus an diugh. Bha mi ’n Sasunn, ’s cha’n eil mi ach air tilleadh. Leigibh Mìcheil còir as, agus geallaidh mise obair a chumail ris fhad ’s as beò e.” Agus mar a gheall, rinn e. Bha ’chùirt air dùnadh, agus fhuair Mìcheil a chead. Leum ’athair ’na bhroilleach, agus phòg e ’mhac. Mu’n deachaidh a’ ghrian fodha, chruinnich na h-uaislean làn sporain do dh’òr do ’n t-seann duine; agus dìth no dearas cha robh orra fhad ’s bu bheò iad. Chìthear uaithe so mar tha Dia seasamh na fìrinn, ’sa toirt neart d’a phobull, an àm na deuchainn, an dleasnas a dheanamh.—Cuairtear nan Gleann. FIOS A’ MARGAREE. ’S fhada bho’n a chuir mi facal a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ged tha mi ’ga fhaighinn gu riaghailteach gach seachduin. Tha e na reusan uaill do na Gàidheil cho math ’sa tha MAC-TALLA air a lionadh le deagh naigheachdan, brioghmhor, gasda. Bha’m bàrr gle dhona air an Abhuinn am bliadhna. Tha ’m buntàta nis air a bhuain, agus tha feodhainn nach d’ thug as an talamh urad ’sa chur iad ann. Tha Aonghas Ban Mac Phàrlain gu tinn le lòinidh o chionn beagan sheachduinnean. Cha mhath leinn sin. Bha e ’na dheagh fhear-cuideachd, làn de spòrs ’s de naigheachdan éibhinn. ’S ioma ceithreamh ait a rinn e ’na la; ’s cha reachuinn an urras nach eil a lòinnidh a faighain a leòir uaidh mu’n àm so fhein. Tha mi cur ugaibh eadar-theangachadh air “Triubhsair an Fhir-dheasachaidh.” Tha fios gur iomadh baothaire eile tha fiachain ris cuideachd. Tha mi ’n dòchas gu’n cuir sibh ’sa phaipeir pairt de na h-ionnsaidhean a bheirear. Tha fios gur iomadh coinneal a chosg Gilleasbuig ’us Dòmhnull còir a fiachinn ruitha. Tha mise ’g obair air na Ràidhean cuideachd. Gheibh sibh iad re ùine. ’S mi ur caraide gach la, DORAN. [TD 119] [Vol. 7. No. 15. p. 7] Marbhrann. Rinneadh na rannaibh so a leanas do Dhomhnull Mac Amhlaidh, Eildeir, ’n cothional Bhaddec, a bhasaich air 5amh la de cheud mhios an Fhoghair 1886, le aon a bha min eolach air. Oh tha ’n Cheann Dearg an diugh fo ghruaim Is Domh’l Mac Amhladh anns an uaigh,— A leabaidh chaol ’s an caochail fuath Gu fios is suain neo-ghearanach. Och nan och! is och mo leon! Tha’n Ceann Dearg an diugh fo neoil, ’S an gaisgeach treun na laidh fo ’n fhod, ’S cha nos dhuinn bhi aighearach. Oh bhais! nach e do chridh, tha cruaidh, A deanamh aoibhneas ann ad bhuaidh; Thar dilleachdain is bantrach thruagh, A dh’ fhagadh fuar is falamh leat. Och nan Och, etc. Tha’n cridheachan ’n diugh air an cradh, Fo lotan guineach do threun lamh; A leag thu orra gun dad sgath, Gu’m biodh an sgainneadh maireannach. Och nan och! etc. Tha’n saoghal dhaibh an nis gle fhas, Oir dh’fhalbh a bhlas, is chaill cadh; O’n uair a thriall an caidreamh blath, A bhiodh do gnath toirt co-fhurtachd. Och nan och! etc. Cha’n ioghnadh iad bhi air an leon, Or dh’ fhalbh am fear a dheanadh seol; Le chomunn tlath ’s le chomhradh foil, A shiabadh deoir bho’n aghaidhean. Och nan och! etc. Cha’n iad nan aonar tha ri bron,— Tha peathraichean, is brathairean coir, S an aghaidh comhdaichte le dubh neoil, A cumh’ an t-sheoid chaidh sgaradh uath. Och nan och! etc. Cha’n ioghnadh iad bhi sileadh dheur, A bha cho tric fo theagasg gheur, Ag eisdeachd ri a briathran reidh, A cuir an ceill am fairichean. Och nan och! etc. Ach ’s ann air Slanuighear na’m buadh, Bu mhiann leis bhi a deanamh luaidh; ’S bu chridhe mar fior staillinn cruaidh, Nach fair’cheadh buaidh fo theagasgan. Och nan och! etc. A ghibhtean tabhachdach gu leir, Do rinneadh maiseach le gras Dhe; A dhortadh air gu saibhir reidh, Le Spiorad treun nam beannachdan. Och nan och! etc. Bha chreideamh beothail agus treun, ’Ni thug dha misneachd ’s fosgladh beul; A dheanamh iomradh air gras Dhe, Do’n mhuinntir dheurach an-shocrach. Och nan och! etc. Cha robh e aineolach ann fein, Air eagal ’s anfhannachd na treud; ’S na nithe dheanadh dhaibhsan feum, Sud dh’ fhoghlum e bho a’n Mhaighistear. Och nan och! etc. Bheathaicheadh e noidhean on chiach, Le bainn’ an fhocail, ’s mil bho’n chir; Is bheireadh biadh ’s am biodh mor bhrith, Do sheanair aosda ghaisgeante. Och nan och! etc. Bha’n Fhirinn dhasan lan do bhridh, ’S roinneadh e i le loinn gun dith; Mar rinn Abram ris ’n iobairt shith, A cuir gach mir ri leth-bhreacsan. Och nan och! etc. ’S ged bhiodh ann dorchadas ’s duth neal, ’Nuair thigeadh ’n teine nuas bho neamh; Bhitheadh an solas annt’ gu leir, ’S bu shoilleir steidh a cho-cheangal. Och nan och! etc. An Righ do nochd dha moran baigh, Ga sgeadachadh ’s an chulaidh ’s fhearr; Fainn’ oir do chuir dha air a lamh, Is brogan aill mu chosaibh dha. Och nan och, etc. Sin shuidh e sios aig bord an Righ, Gu cuirm ro-bhlasda, lan do bhrigh; Le smuir, is saill, is fion, gun dith, A chaidh gu daor a cheannach dha. Och nan och! etc. Cuachan a bhuird ud bha do dh’or,— Siad cuachan teampull Righ na gloir; Na firinnean bho’n robh e ’g ol, Le sunnd is solas aighearach. Och nan och! etc. Sin cheanghal e an arm an Righ, Fo cheannard dearbhte, Prionns’ na sith, Le brataich graidh na Trionaid fhior, Ga dhion ’sa sgaoileadh thairis air. Och nan och! etc. Bha aige cathan lionmhor, cruaidh, Fhad ’s bha e bhos ann so air chuairt; Ach trid na Fola fhuair e buaidh, Is chum e suas a bhratach ud. Och nan och! etc. Cha d’thainig failinn air a cheum. Bha’n lamhan laidir ’s deas gu feum; ’Sa bhogh’ air sreang ’s e ullamh gleusd, ’Sa ’n Ti bha treun ga chuideachadh. Och nan och! etc. Is anns gach subhailc ’s anns gach beus, Bu mhaiseach, taitneach, e gun bhreug; ’S bha sud cuir snas air anns gach ceum, ’S ga dheanamh feumail ’s ceanalta. Och nan och! etc. Ach chriochnaich e ann so a reis,— A cherideamh dhearbh e le a bheus; S thug Dia e suas da ionnsaidh fein, ’S cha d’ thig air eis troimh ’n bhith-bhuantachd. Och nan och! etc. DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. POSADH. Ann an tigh a brathar, an Sidni, air an latha mu dheireadh de October, leis an Urr. I. F. Forbeis, Iain A. Moireastan, Wreck Cove, siorrachd Victoria, ri Peigidh A. Mhoireastan, as an aite cheudna. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. Am Feillire. NOBHEMBER, 1898. 1 Di-mairt An t-Samhuinn. 2 Di-ciaduin Latha nam marbh. 3 Dior-daoin 4 Di-haoine Tighinn Uilleam III. do Bhreatunn, 1688 5 Di-satharna 6 DI-DONAICH 22 Donaich na Trianaid. 7 Di-luain (6) Pòsadh Fionnghall Dhomhnullach, 1750 8 Di-mairt 9 Di-ciaduin Glacadh Montreal, 1775 10 Dior-daoin Breith Mhartin Luther, 1483 11 Di-haoine 12 Di-satharna (13) Blar Sliamh an t-Siorra, 1715 13 DI-DONAICH 23 Donaich na Trianaid 14 Di-luain Bas Chaluim Cheann-mhor, 1093 15 Di-mairt 16 Di-ciaduin Bas Ban-righ Mairearad 1093 17 Dior-daoin 18 Di-haoine 19 Di-satharna Breith Tearlach I., 1601 20 DI-DONAICH 24 Donaich na Trianaid 21 Di-luain Bas Sheumais Hogg, 1835. 22 Di-mairt Bas Morair Chlive, 1774 23 Di-ciaduin 24 Dior-daoin Bas Iain Knox, 1572 25 Di-haoine 26 Di-satharna 27 DI-DONAICH Donaich na h-Adveint 28 Di-luain 29 Di-mairt 30 Di-ciaduin An Fhéill Anndrais MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 10, M. 14 M An Solus Ur, L. 14, U. 8, M. 9 F A’ Cheud Chairteal L. 20, U. 0, M. 51 F An Solus Lan, L. 28, U. 0, M. 25 M DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 120] [Vol. 7. No. 15. p. 8] BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. SOUTH END WAREHOUSE. FLUR AGUS MIN, TI AGUS SIUCAR, FEOIL AGUS IASG. FIAR AGUS COIRCE, BIADH DHAOINE, AGUS BHEOTHAICHEAN. Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so. Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut. Caipt R. Mac Neill, Sidni, C. B. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 121] [Vol. 7. No. 16. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 11, 1898. No. 16. SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. VI. An uair a dhuisg mi dh’ aithnich mi air a h-aghaidh gu’n robh i fo dhragh-inntinn gle mhor. Ach air a shon sin cha dubhairt i facal rium mu ’n chuis air eagal an tuilleadh broin a chur orm. Dh’ ordaich i bìadh math a chaidh a dheasachaidh air mo shon thoirt dhomh, agus gus mo neartachadh thug i orm cuid mhath dheth itheadh. An deigh dhomh am biadh a ghabhail thuirt mi rithe gu’n robh an t-am agam a bhith falbh, ach thuirt i nach leigeadh i ’mach air an dorus mi. “Ged nach d’innis thu dhomh dad m’ a dheidhinn,” ars ise, “tha mi lan-chinnteach gur mi bu mhathair-aobhair do na tubaistean a thachair dhut. Chuir an gnothach a th’ ann a leithid de bhron ’s de dhragh-inntinn orm ’s gu’m bheil mi ’smaointean nach bi mi fada beo; ach mu’m faigh mi bas ni mi dileabach dhiotsa.” Cha bu lnaithe a thuirt i so na chuir i fios air breitheamh agus air fianuisean, agus dh’ ordaich i a h-uile ni ris an t-saoghal a bhuineadh dhi a sgriobhadh sios ’nam ainmsa. ’Na dheigh so dh’ fhosgail i ciste mhor anns an robh a h-uile sporran a thug mi dhi o’n a thoisich sinn ri leannanachd. “Tha iad uile gu leir an so,” ars’ ise, “cha do bhean mise riamh dhaibh. Is leatsa iad uile. Gabh curam dhe’n iuchair.” An deigh dhomh taing a thoirt dhi air son a caoimhneas agus a fialachd, thuirt i, “Cha’n fhiach aon chaoimhneas a nochd mi dhut a bhith bruidhinn air. Cha bhi mi toilichte mur faigh mi bas mar chomharradh air meud a’ ghraidh a thug mi dhut.” Ghuidh is ghrios mi rithe gun i bhith ’smaointean no bruidhinn air a leithid de ni gun mhothachadh. Ach cha tugadh i cluas no geill dhomh. Thuit i ann am bron cho trom, a chionn mise bhith air leith laimh, ’s gu’n d’ fhas i tinn. Ann an ceann choig seachainean dh’ eug i leis a’ bhristeadh-chridhe. An deigh dhomhsa uine mhath a chur seachad ri bron ’s ri caoidh air a son, ghabh mi seilbh air gach ni a dh’ fhag i agam mu’n do dh’ eug i; agus b’e an gran a reic mi riutsa pairt dhe na dh’ fhag i agam. Tuigidh tu o na dh’ innis mi dhut gu’m feum mi mo bhiadh a ghabhail le mo laimh chli, agus tha mi fada ’nad chomain air son an dragh a ghabh thu air mo shaillibh. Cha’n urrainn dhomh gu brath do phaigeadh air son do dhillseachd. O’n a tha, taing do Dhia, cuid mhath dhe ’n t-saoghal agam, ged a rinn mi ana-caitheamh air moran dhe na bh’ agam aon uair, tha mi guidhe ort gu’n ghabh thu uam mar thiodhlac an t-suim a th’ agam air do lamhan. A bharrachd air so, tha ni agam ri chur mu d’ choinneamh; o’n a thachair na tubaistean so dhomh, agus a dh’ fheumas mi falbh a Cairo gun dail, gun duil ri tilleadh ann gu brath. Ma thogras tusa falbh comhladh rium, ni sinn malairt mar chompanaich, agus roinnidh sinn a bhuannachd eadrainn.” Thug mi taing do’n duine og, ars’ am marsanta Criosduidh, air son a’ gheanmath a nochd e dhomh, agus ghabh mi an tairgse mhath a thug e dhomh, agus thuirt mi ris, gu’m bithinn cho curamach mu a ghnothach-san ’s a bhithinn mu m’ ghnothach fhein. Air latha ainmichte dh’ fhalbh sinn air ar turus. Chaidh sinn troimh Shiria agus Mhesopotamia, chaidh sinn troimh Phersia, agus an deigh dhuinn greis de’r n-uine chur seachad ann an caochladh bhailtean-mora, thainig sinn mu dheireadh do cheannabhaile na rioghachd agaibhse. An ceann uine ’na dheigh sin, o’n a bha toil aig an duine og tilleadh do Phersia, chuir sinn air doigh na cunntasan, agus dhealaich sinn ri cheile mar dhluth chairdean. Dh’ fhan mise, a righ, ann bhur seirbhis-se riamh o’n uair ud. So, ma ta, an naigheachd a bh’ agam ri innseadh dhuibh. Nach ’eil sibh a’ smaointean gu’m bheil i na’s iongantaiche na mar a thachair do’n amadan chrotach? Bha fearg air righ Chasgar ris a’ mharsanta Chriosduidh, agus thuirt e, “Tha e gle dhana dhut naigheachd cho beag tlachd rithe sid innseadh dhomhsa, agus a radh gu’m bheil i cho iongantach ri naigheachd an amadain chrotaich. Am bheil thu cho fad as do bheachd ’s gu’n creid thu gu’m bheil na driodartan a thachair do dhuine og mi-bheusach, comasach air a leithid de dhrughadh a dheanamh ormsa ’s a rinn an naigheachd a dh’ innseadh dhomh mu’n amadan chrotach? Bheir mi fa near gu’n teid bhur chrochadh ’n ’ur ceathrar mar dhioghaltas air son a bhais.” An uair a chuala fear-solair an righ so, leig e e-fhein ’na shineadh aig casan an righ, agus thuirt e, “A righ chumhachdaich, tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu’n traogh sibh bhur fearg, agus gu’n eisd sibh ri mo naigheachd-sa; agus, ma bhios i na’s taitniche leibh na naigheachd an amadain chrotaich, tha dochas agam gu’n toir sibh mathanas dhuinn ’nar ceathrar.” Thug an righ cead do’n fhear-solair labhairt, agus thoisich e mar a leanas:—“Le’r cead, a righ, thug duine a tha ann an inbhe aird agus urramaich cuireadh dhomh an de gus a dhol gu banais a nighinn. Chaidh mi do’n taigh aige anns an fheasgar aig an uair ainmichte, agus an uair a rainig mi bha comhlan mor romham anns an taigh de lighichean, de bhreitheamhnan, agus dhe na daoine eile cho urramach ’s a bh’ anns a’ bhaile. An deigh do’n phosadh a bhith seachad bha cuirm mhor againn; agus am measg nan nithean eile a bh’ air a’ bhord bha eanraich creamh ann a bha anabarrach blasda, agus a bha h-uile duine a bh’ aig a’ chuirm, ach aon duine, a’ gabhail le toil ’s le tlachd. Ach cha chuireadh an duine so a bheul air an eanraich air son rud sam bith. Thuirt e ruinn nach robh feum dhuinn a bhith ’g a thabhunn gu blasad air an eanraich. “Bheir mi mo cheart aire,” ars’ esan, “nach blais mi air biadh sam bith anns am bi creamh. Tha cuimhne agam ghle mhath air a’ challdachd a thainig orm air a shaillibh.” Bha sinn gu durachdach ag iarraidh air gu’n innseadh e dhuinn c’ar son a bha leithid de ghrain aige air a’ chreamh; ach mu’n d’ fhuair e uine gus freagairt a thoirt dhuinn thuirt fear an taighe ris, “An e sin an doigh anns am bheil thu ’cur urram air mo bhord-sa? Tha’n t-eanraich anabarrach math. Na bi cur an ire dhuinn nach urrainn duit a bhlasad. Feumaidh tu rud dheth a ghabhail cho math ri cach.” “A dhuine choir,” ars’ esan, “tha mi ’n dochas nach ’eil sibh a’ saoilsinn gur ann a’ dheanamh tair air an eanraich a tha mi. Ma tha thu ’cur romhad am muigh ’s am mach gu’n toir thu orm rud dhe’n eanraich a ghabhail, gabhaidh, mi e gun teagamh; ach air a’ chumhnanta so, gu’m faigh mi cead, an deigh dhomh itheadh, mo lamhan a nigheadh da fhichead uair le feamainn, da fhichead uair eile le luath na feamainn, agus da fhichead uair eile le siapunn. Tha mi’n dochas nach gabh sibh gu h-olc mi bhith ’cur nan cumhnantan so oirbh; oir bhoidich mi gu’n deanainn mar a tha mi ’g radh a h-uile uair a bhlaisinn air creamh.” Chuir fear an taighe roimhe gu ’m feumadh an duine so a’ chreamh a bhlasad, agus dh’ ordaich e do na seirbhisich uisge, feamainn, luath feamann, agus sipunn a bhith deiseil aca, a chum gu’n nigheadh e a lamhan cho tric ’s a thogradh e. “A nis,” ars’ esan, an uair a bha gach ni deas, “tha mi’n dochas gu’n ith thu a’ chreamh cho math ruinn fhein.” Cha robh an duine toilichte a chionn a bhith toirt air a’ chreamh itheadh an aghaidh a thoile, ach chuir e rud dheth thun a bheoil gu leith ain-deonach. Chuir so ioghnadh air na h-uile a bha lathair. Ach is e ’chuir ioghnadh buileach glan orra gu’n robh an ordag a dhith a laimhe. “Cia mar a thachair dhut d’ ordag a chall?” arsa fear an taighe. “Is eiginn gu’n do thachair sgiorrag dhut, agus bu mhath leinn a chluinntinn c’uin agus cia mar, mar ’eil dad agad an aghaidh innseadh dhuinn.” “Cha’n ’eil ordag air mo laimh dheis no air mo laimh chli, agus cha mho a tha ordag air mo chasan. Chaill mi iad ann an doigh a chuireadh ioghnadh gu leor oirbh. Tha mi toileach innseadh dhuibh mar chaill mi iad, ma bhios a dh’ fhoighdin agaibh na dh’ eisdeas rium,” ars’ esan. An uair a thuirt e so, dh’eirich e o’n bhord, agus ni e a lamhan sin fichead uair, agus an uair a bha e deas, shuidh e aig a’ bhord, agus thoisich e ri innseadh a naigheachd mar a leanas. (Ri leantuinn.) DROCHAID AN DEIRCICH RUAIDH. Sgeul Eirionnach. Cha ’n eil drochaid, na beul àth, na eas, na uamh an Eirinn, nach ’eil a sgeul féin ri innseadh mu dheibhinn; agus tha cuid diubh fior iongantach. Thachair dhomh a bhi, o chionn beagan bhliadhnaichean, an taobh na h-àird-an-iar do dh’ Eirinn, ann an tir nan tobraichean aoraidh, (no, mar their iad féin, Tipperary), is chuala mi sgeul air drochaid air an deach mi seachad is airidh air eisdeachd. Feuchaidh mi an sgeul innseadh mar thug an seann duine o’n cuala mi seachad e. “O chionn fhad’,” ars’ esan, “an linn m’ athar, cha robh drochaid air bith air an abhuinn sin, ach clacharan, air am b’ abhaist do dhaoine gabhail thairis ’nuair nach robh tuil ’san abhuinn. Bha na clachan mor mu thri troidhean o cheile, ’s bha e cunnartach oidhirp a thoirt air dol thairis ’nuair bha ’n tuil os ceann a h-aon diubh. Chuireadh cleibh mhor, làn do chlachan, na dheigh sin ’san àth, agus buird thairis orra, air am [TD 122] [Vol. 7. No. 16. p. 2] faodadh dithis dhaoine gabhail thairis taobh a cheile. B’e so an seorsa drochaid a bha dlùth air ceann-bhaile mor na h-Eirinn, agus ’sann uaithe so thugadh mar ainm dha Baile-àth-chliabh. Dlùth do ’n àth air a bheil sinn a nis a labhairt, bha bothan beag seasgair, anns an robh teaghlach còir, càirdeil, fiadhlaidh a’ fantuinn, anns an d’ fhuair luchd-turuis nach b’ urrainn dol thairis air an abhuinn gu tric cuid na h-oidhche. ’Se b’ ainm dhàsan a bha fuireach sa’ bhothan Nial Bàn O’Shea, agus Cathleen a b’ ainm da mhnaoidh. ’S iomadach oidhche a dhùisgeadh iad as an cadal le glaodh nam feadhnach bha ’g iarraidh thairis, a chaill am misneach le eagal, agus a shuidh air a’ chlacharan a glaodhaich airson cuideachaidh. Air oidhche àraidh, mu laithean na Nollaig, ’nuair bha tuil mhor ’san abhuinn, chuala Cathleen, ar leatha, sgriach is glaodh. Dhùisg i Nial Bàn. “Amhairc a mach,” ars’ ise, “a Nèil. Chuala mi glaodh mar o neach ’na éiginn.” Cha robh eadar da mhaoil na h-Eirinn ceatharnach bu tréine ’s bu neartmhor na Nial; agus ’san àm cheudna, cha robh cridhe an com bu bhlaithe na cridhe Nèil. Ghrad dh’ eirich e. Thilg e a chasag ghlas mu thimchioll. Ghlac e lorg fhada, laidir a b’ abhaist da ’ghiulan air leithid sin do dh’ àmanan, agus thug e an clacharan air. Bha ’n oidhche anabarrach doilleir, dorcha. Rainig e taobh na h-aibhne. Cha robh ni no neach ri fhaicinn. Rinn e fead—thug e iollach; ach cha robh ni ri eisdeachd ach fuaim nan uisgeachan. Ghabh e null gu faicilleach; ’s ’nuair bha e dlùth do ’n taobh eile, chual e, ar leis, seòrsa do ghlaodh lag, anfhann. Ghabh e air aghart. Chaidh e thairis; agus air taobh eile na h-aibhne fhuair e seann duine na shuidhe, ri cruban fo chreig mhor agus air meileachadh leis an fhuachd. “Co so?” arsa Nial. “Mata, fhir mo chridhe,” ars’ am fear eile, “tha mise.” “Co thusa?” “Mata, chuisle mo chridhe,” fhreagair e, “’s coma co mi; ach ’se am Freasdal a chuir thusa ’san rathad chum mo theasairginn as a’ chor bhochd anns a’ bheil mi.” “So, so,” arsa Nial, “eirich air do chasan, is tiugainn thairis. Dhomh do làmh.” “Gu fòill, gu fòill,” ars’ esan; “ni bheil agam ach an aon chas. Thuit mi an so is bhrisd mi mo chas mhaide, ’s cha’n urrainn mi ceum a dheanamh.” Thog Nial e, is thilg e air a dhruim e mar dheanadh e naoidhean na cìche, is ghabh e thairis leis. Rainig e an tigh, aig nach robh a dhorus riamh druidte an aghaidh an deircich. Leig e an eallach taobh an teine, air suidheachan comhlaich. “So agad, a Chathleen, ’fheudail, duine bochd, is gabh ris mar is abhaist dhuit ri ’sheòrsa,” deir e. “’Se bheatha, ’se bheatha,” arsa Cathleen. Bheachdaich Nial air le mor aire. Bu duine daicheil àrd e, gu maith aosmhor. Cha robh air ach droch aodach—air aon choise, ’s gun chais-bheart air a’ choise sin féin. Bha e sgith, lag, air a chlaoidh leis an oidhirp a thug e gu coiseachd an deigh dha a chas mhaid’ a bhrisdeadh. Bha seann lùireach mar shumaig thairis air—seann ad mhor, leathan thairis air curachd-oidhche ruadh, a bha sios thar a chluasan. Fhad ’sa bha bean Nèil a deasachadh ni-eiginn airson an deircich, dh’ innis e gu ’n d’ rugadh e an ceann mu thuath na h-Eirinn—gun do chaill e a chas air bòrd luinge—gun do chuireadh air tìr e gun sgillinn ruadh aige, ’s gun charaid air aghaidh an t-saoghail—gu ’n robh e a’ gabhail an rathaid, ag iarraidh na deirc—’s mar biodh fear-an-tighe air dol ’na chomhdhail, agus aoidheachd chriosdail a thoirt dha, gu ’n robh e air bàsachadh leis an fhuachd agus le dìth. Rinn Cathleen leaba dha, far an do luidh e gu maduinn. Bha e air a chois gu moch, a’ càramh na coise maide—ni rinn e gu h-ealamh, mar neach a bha eolach air tuaigh agus sgian a laimhseachadh. “Tha uait,” arsa Nial, “fuireach far a’ bheil thu fad latha no dha; ’se làn do bheatha. Leig do sgios dhiot; agus o’n tha thu a’d’ dheircich, chomhairleachain dhuit suidhe aig a’ bheul àth, agus a bhi gabhail mar a bheirear dhuit le luchd-turuis na dùthcha. Tha moran sluaigh a null ’sa nall air a’ chlacharan, agus cha ’n ’eil deirceach eile air an àm dluth do ’n aite. “Mata, ’chuisle mo chridhe, ni am Bocadh-ruadh mar tha thu ag iarraidh. (’Se bocadh an t-ainm a th’ aca an Eirinn airson diol-deirc.) Thugadh am Bocadh-ruadh air do bhrigh nach fhacar riamh e gun a churachd ruadh air a cheann, a latha ’sa dh’ oidhche, ’na leaba ’s air a choise. Chiteadh am Bocadh-ruadh an sin ’na shuidhe air cloich o latha gu latha, le ’churachd ruadh air a cheann, ag iarraidh o gach neach a bha gabhail an rathaid—le lùireach ghlas air a dhruim, is lorg mhor ’na laimh, a’ faire gach aon a thigeadh ’na fhollais; agus is gann a chaidh duine fiachail seachad gun ni-eiginn a thilgeadh ’na aid. Chaidh bliadhna seachad, agus bliadhna, ach an so chiteadh am Bocadh-ruadh; agus bha ’leaba aige gu seisgear ann an tigh Nèil. ’S ni ’n deach fear no bean, òg no aosmhor, seachad nach cual’ achuing a’ Bhocaidh-ruaidh—“Tròcair, tròcair; air sgàth Mhuire ’s na naoimh uile, cuimhnich an duine bochd; air sgàth t-anaim, tabhair deirc do ’n duine bhochd!” Nam faiceadh e caileag òg, bha facal briodalach aig air a son—“Aileag na h-Eirinn uile,” ars’ esan, “beannachd is buaidh leat, a’s cuimhnich am Bocadh truagh! Ach ’sann air do ghruaidh féin, a chuisle, ’tha dearsa na greine!—’sann agad féin, a reul ruitich, tha ’n àilneachd; ach cuimhnich an duine bochd! Nam biodh agam bonn airgiod airson gach leannan ’tha gad’ iarraidh, ’s mise a bhiodh sona!” Mar so, cha robh neach a gabhail an rathaid air nach do chuir e eolas, ’s airson nach robh aig facal thaobh-eiginn a bhiodh freagarrach. Ach ged a bha fios aig gach aon gu ’n robh am Bocadh-ruadh a’ faotainn moran o luchd gabhail an rathaid, cha d’ aidich e do dhuine beò gu ’n robh sgillinn aige, ’s cha mhò bha fios c’àite an robh e a’ fallach a chuid airgiod. “Air Peadar, ’s air Pòl, is air Muire féin,” ars’ esan, “cha ’n ’eil sgillinn ruadh agam. Eadar ceannachadh an tombac, ’s na tha mi ag ithe, cha ’n ’eil agam na cheannaicheas bròg na cuaran do ’n aon chois. Cha ’n ’eil agam cùl mo laimh na cheannaicheas coinneal a dh’ fhaire mo chuirp, a dheanamh leinne-bhàis no idir na clàraibh a ghiùlanas mo chorp do ’n ùir.” Bha ’n duine truagh cho miodhair, spiocach ’s nach dùraichdeadh e biadh no teachd-an-tir fallain a cheannachadh air a shon fein; ’s mar bhi caoimhneas Chathleen, bhàsaicheadh e. Cha robh do dh’ aodach air na dheanadh buachaile-bréig air achadh eòrna, chum na h-eoin a chumail air falbh. ’S minig a dh’ fheuch Nial fhaotainn a mach ciod a bha e deanamh le ’chuid airgiod, ach cha robh e ’na chomas. Bha Nial còir aosmhor. Luidh e; chinn e gu ro bhochd; agus an deigh moran tinneas is laigse, bhàsaich e. Latha an toraidh lean am Bocadh-ruadh an giulan do ’n chladh, is ghuil e mar naoidhean a bhiodh air a sgiursadh. Shìn se e fein air an uaigh, a’ gul ’sa caoidh, le ullalaich bhrònach is bas-bhualadh; agus b’ ann air eiginn a thug iad dhachaidh e. “Ni bheil a nis caraid aig a’ Bhocadh-ruadh,” ars’ esan, “air aghaidh an t-saoghail!” Ach ged a chaochail Nial cha do chaochail Cathleen chaomh; is gheall ise, fhad ’sa bhiodh mullach os a ceann, nach leigeadh i le mac no nighean an Deirceach-ruadh a chuir amach as a’ bhothan. “Thug mo Nial féin an so e,” deir i, “agus ’se am bàs a chuireas a mach e.” Bha nis deich bliadhna fichead o’n thug Nial a stigh e. Bha clann Nèil air pòsadh, agus air sgaoileadh air feadh na dùthcha, ach am mac a b’ òige, Jerrie donn—ceatharnach cho caomh, caoimhneil, truacanta ’sa bha an Eirinn ghlas uile. Bhòid Jerrie donn nach tigeadh an latha na ’n t àm anns an cuireadh e mach am Bocadh-ruadh. Latha de na laithean, bha ’n deirceach ni b’ fhaide gun eiridh na b’ abhaist da. “Ciod so th’ ort?” arsa Jerrie; ’bheil an seann duine gu sunndach an diugh, ’nuair tha e co fada ’na leaba?” “Och, fheudail!” ars’ an seann duine; “a chuisle mo chridhe, mhic athar mo ghraidh, tha mise seachad. Cha ’n eirich mi tuille as an leaba so, gus an togar mi chum mo chàramh anns a’ chiste-mairbh!” “Ciod air a bheil thu a’ gearan?” arsa Jerrie. “Mata, mhic an athar ’sa mhathar a thug fasgadh dhomh iomad latha is bliadhna, tha mi mar nach robh mi riamh—tha ni-eiginn ag innseadh dhomh gu bheil mo bheatha traoghadh air falbh—gu bheil slighe an dorchadais a’ tighinn, agus àm a bhàis. Tha mo spiorad a’ sioladh air falbh—tha mo chàil ’s mo neart gam’ threigsinn.” (Cha ’n fhac’ am Bocadh-ruadh an là màireach.) “An cuir mi fios air sagart?” arsa Jerrie, ’s e fàsgadh a lamhan le bròn, agus a’ silleadh na deuran goirt. “Sagart!” ars’ an seann duine—“sagart! Cha chuir thu air tòir sagart dhomhsa; cha ’n eil déigh agam air a leithid, na iarrtas air a shon. ’S fhad o na ghabh mise suim de na nithe sin, ’s tha fios agam gu bheil e nis tuille is anmoch.” “Na labhair mar sin,” arsa Jerrie. “Anmoch! cha ’n eil e anmoch! Co is urrainn a radh gu bheil e anmoch tròcair Dhé iarraidh? An cual thu riamh mar a labhradh thaobh an fhir a ghuidh tròcair mar bha e tuiteam as an diollaid:— ‘Eadar an diollaid ’s an làr, Ghuidh e tròcair, is fhuair gu sàr.’” Chradh am Bocadh-ruadh a cheann. “Na abair diog,” ars’ esan. “Cha tig sagart an so. Leig dhomh bàsachadh mar a tha mi.” “Mar leig thu leam dol air tòir sagart, mata,” deir Jerrie, “leig dhomh dol air tòir lighiche, ’s thoir dhomh na phàigheas a shaothair.” Las aodan an t-seann duine le corruich; chas e ’fhiaclan; thainig boil air, mar gu ’m biodh e as a bheachd. “Lighiche!—airgiod!—airgiod agamsa!—cha ’n eil bonn!” “Tha,” deir Jerrie, “’s gu leòr dheth. Na fàg an t-saoghal ’sa bhreug ann ad bheul, is ceilg ann ad chridhe.” Thoisich an deirceach air mionnachadh nach robh sgillinn aig air aghaidh an t-saoghail mhoir. “Cha ’n eil,” deir e, “uiread ’sa cheannaicheas anart-bàis do m’ chorp truagh.” Bha oillt air Jerrie. Chritheanaich e le eagal is uamhas. “Tha thu dlùth do ’n bhàs,” arsa Jerrie. “Ni sam bith tha agad ri ràdh na ri innseadh, labhair fhad ’sa tha comas agad.” “Cha ’n eil ni air bith ach so,” deir an seann duine. “Eisd rium agus tabhair aire. Dhomh do lamh. Geall dhomh gu ’n cuir thu mi sa’ chiste mar a tha mi—nach toir thu dhiom an currachd ruadh, ach ceart mar tha e nis orm, mar sin gu ’n cuirear ’san uaigh mi.” [TD 123] [Vol. 7. No. 16. p. 3] “Nithear gu cinnteach sin,” arsa Jerrie. “So mo laimh ’s mo ghealladh.” Tiota beag na dheigh so, chaochail an seann Bhocadh-ruadh. Nighear e, is shinear e air an deilibh, ’s chaidh caithris na mairbh a dheanamh air le anbharra cùram, do reir cleachdadh na h-Eirinn. Tri laithean na dheigh sin, chuireadh fo ’n fhòid e. Chruinnich sluagh an àite gu leir ’ga leantuinn, ’sa chuir onair air, ’sa chàramh anns a’ chill, is fòid fhad’ uaine a chuir thairis air. Thogadh iomadh sgeul mu thimchioll bàis a’ Bhocaidh-ruaidh—gu ’n d’ fhàg e moran airgiod, ged nach robh fios c’àite an robh e air a chleith. Bha Jerrie làn chinnteach gu ’n robh an t-airgiod an àit’-eiginn, nam b’ urrainn dhoibh an t-àite sin fhaotainn a mach; agus bi ’bharail gu ’n do chleith am Bocadh-ruadh na bh’ aige dlùth do ’n bheul àth, fo chloich, no ann an toll a thaobh-eiginn; is chuir e roimhe rannsachadh mìon a dheanamh. An oidhche an deigh dhoibh am Bocadh-ruadh a chuir fo ’n fhòid, ’s gann gum b’ urrainn Jerrie bochd cadal fhaotainn. Cha robh uair a thuit e an seòrsa do chlo-shuain, nach do chlisg e, ’s nach do leum e ’na leaba, bruadaradh—ni chur eagal mor air. “Ciod so th’ ort, a mhic?” ars’ an t-seann bhean, a bha cadal san aon seomar; “ciod so th’ air t-aire? Tha thu leum, ’sa glaodhaich, ’sa clisgeadh a’d’ chadal. Ciod tha cuir buaireas ort?” “Cha ’n eil fios agam, a mhathair,” ars’ esan. “Tha mi bruadar mu ’n Bhocadh-ruadh. Cha mhor nach ’eil mi as mo bheachd. Tha e, ar leam, air a’ cheart mhionaid so mu choinneamh mo shùilean.” “A Mhuire mhor!” ars’ an t-seann bhean, “cha ’n iongantach sin, ’s gu ’n d’ fhuair e bàs gun sagart, an duine truagh!—gun do bhàsaich e le breig ’na bheul, is ceilg ’na chridhe. Ach innis dhomh, a mhic, ciamar a chunnaic thu e.” Tharruing Jerrie osann fhad o ghrunnd a chridhe. “Tha mi ’ga fhaicinn,” deir e, “direach mar a b’ abhaist dha bhi, le ’churrachd-oidhche ruadh; ach gu bheil e do ghnath a’ cuir a chorraig air a’ churrachd, mar gu ’m biodh e ag iarraidh a thoirt dheth—mar gu ’m biodh ni-eiginn ’ga thachdadh.” “Tha mi faicinn, ’s ’ga thuigsinn,” deir ise. “’Bheil fios agads’, a mhic, an d’ fhuasgladh an t-sreang ’bha ceangal a churraichd fo ’smig, mu ’n do chuireadh sa’ chiste e?” “Cha ’n eil fhios agam,” deir esan. “Ciod e dhe sin? Nach coma co dhiubh?” “An coma?” deir ise. “A mhic, nach ’eil fhios agad nach bi duine marbh samhach ’san uaigh gu bràth fhad ’sa tha snaim no ceangal air ni air bith tha uime.” “Cha chuala mi sin riamh,” arsa Jerrie, le osann throm. “Mata, fhir mo ghraidh,” deir ise, “falbh am màireach le d’ shluasaid. Faigh fear-eiginn leat; fosgail an uaigh; fuasgail an currachd; ’s mar so gheibh am Bocadh-ruadh sìth fo ’n fhòid.” Moch sa’ mhaduinn, agus fada roimh eiridh na greine, bha Jerrie ’s fear eile aig an uaigh. Dh’ fhosgladh a’ chiste. Fhuaradh an currachd ruadh air a cheangal gu cruaidh fo ’smig le snaim laidir Mar bha Jerrie ’ga fhuasgladh, mhothaich e bonn òir fo ’n churrachd, is bonn eile r’a thaobh, an impis tuiteam a mach. Cha do leig e ’bheag air, ’s cha do mhothaich am fear eile an t-òr. Ghrad dhùin iad a’ chiste; thilg iad an ùir air a h-ais; sgaoil iad an fhòid; is dh’ fhalbh iad dhachaidh. ’Nuair a phill Jerrie, dh’ innis e da mhàthair mar a bha. “An seann slaightear,” ars’ esan, tha mi tuigsinn a nis c’arson a dh’ iarr e orm gun an currachd ruadh a charrachadh, ach a thìolacadh direach mar a bha e. Ach far an robh an da bhonn òir, bha bharrachd. Bithidh mise aig an uaigh leam féin an nochd, is bheir mi an currachd ruadh dhachaidh, olc air mhaith.” “Ach a mhic, ’fheudail, nach ’eil eagal ort?” ars’ an t-seann bhean. “Eagal!” deir esan; “ciod a chuireadh eagal orm? Tha mi làn chinnteach á da bhonn òir air a’ chuid is lugha.” Mu mheadhon-oidhche thog e air, le ’shluasaid air a ghualainn, do ’n chladh, is pìob tombaca ’na bheul, gun duine leis, gun sgàth, gun eagal. Rainig e a’ chill. Bha ’n oidhche àillidh, sàmhach—gun fhuaim ri eisdeachd—an saoghal na shuain. Cha robh e fad’ ag amharc mu thimchioll. Dh’ fhosgail e an uaigh agus a’ chiste. Thog e an currachd ruadh, ’s bha sòlas air, a mothachadh co trom ’sa bha e ri ghiulan. Dhuin e an uaigh; is b’ eagalach an fhuaim a rinn a’ chreadh, ’s na clachan, ’s na cnàmhan tioram, air clàraibh na ciste, mar bha iad a’ tuiteam sios. Ghrad dh’ fhalbh e dhachaidh co luath ’sa b’ urrainn dha. Dh’ fhosgail e an dorus, ’s fhuair e an t-seann bhean air a glunaibh, far an robh i o’n àm a d’ fhag e an tigh. Chuir e an crann air an dorus. Shrac e as a chéile an currachd ruadh, ’s fhuair e tri cheud bonn òir air am fuaigheal gu teann sa’ charaid phrìseil. Bha Jerrie mar neach as a bheachd, le sòlas. “Och, a mhic!” ars’ an t-seann bhean, “gheibh thu bean, a ghràidh, bean uasal a nis, agus baile fearainn; is bithidh mise moiteil a’m sheann aois mo mhac fhaicinn a marcachd air steud each, le diollaid, spuir, agus bòtuinnean, mar dhuin’-uasal.” Chaidh iad a luidhe, ’s ma dheireadh thuit Jerrie ’na shuain. Cha robh e fada ’na chadal ’nuair a leum e suas a’ glaodhaich le guth eagalach, “Am Bocadh-ruadh! am Bocadh-ruadh!” “Och!” ars’ a mhàthair, “tha e tighinn air tòir a churraichd ruaidh ’san òir.” “Cha ’n ann idir,” deir a mac; “ach bha mi bruadar mu dheibhinn, agus ar leam gu ’n robh mi dol thairis air a’ chlacharan dubh, ’s gum faca mi am Bocadh-ruadh a’ coiseachd air an uisge, a tighinn am chomhdhail—gu’n do sheas e dlùth do chloich mhor tha sa’ chlacharan, ’s gu ’n do thòisich e air a laimh chur foidhpa, mar gu ’m biodh e ag iarraidh ni-eiginn ’bha air a chleith fo ’n chloich. Ar leam gu’n d’ thainig mi dlùth dha, ’s gu ’n d’ fheoraich mi dheth ciod bha e ’g iarraidh fo ’n chloich. Thog e, ar leam, a cheann, le coslas uamhasach—le craos fosgailte o thaobh gu taobh de ’cheann: ‘Tha mi ’g iarraidh mo churraichd ruaidh,’ deir esan, ‘’s mo chuid òir.’” “’Ne sin do bhruadar, ’fheudail?” ars’ an t-seann bhean. “Tha ’m bruadar sin furasd a mhìonachadh. Cha d’ fhosgail am Freasdal riamh aon dorus, nach d’ fhosgail e dha. Eirich, is rannsaich gu math agus gu ro mhath fo ’n chloich.” “Mata, a mhàthair, cha dean e cron domh a’ chomhairle a leantainn,” deir Jerrie. Fada mu ’n d’ éirich a’ ghrian, bha Jerrie air a’ chlacharan dubh. Rannsaich e gu geur ’s gu mìon. Chladhaich is tholl e fo ’n chloich, gus ma dheireadh an d’ fhuair e sporan làidir leathraich air a chleith gu domhain, ’s air fhalach fo ’n chloich; agus bha ’n sporan trom. Ghiùlain e dhachaidh an ulaidh phrìseil; agus an deigh a fosgladh, fhuair e mu thimchioll ceud punnd Sasunnach innte, eadar òir agus airgiod.” “B’e sin latha an àigh do thigh Nèil,” ars’ esan, “an latha ’thainig am Bocadh-ruadh a stigh!” “Och, ’fheudail,” ars’ a mhàthair, “cha latha idir idir a bh’ ann, ach oidhche stoirmeil, dhorcha.” “’S coma co dhiubh,” deir Jerrie; “latha na oidhche, tha mise an diugh a’m dhuine saoibhir air a shàil. Sìth a nis d’a spiorad buairte!” Cha d’ rinn Jerrie a bheag fad an latha ach cunntadh a stòrais, agus smuaineachadh ciamar a chuireadh e mach a chuid airgiod. Thainig an oidhche, ’s chaidh esan ’san t-seann bhean a luidhe. Cha robh Jerrie fad ’na leaba, ’nuair thug e sgreuch àrd, eagalach: “O Mhuire na tròcair!” ars esan, “so am Bocadh-ruadh a rithisd. Tha mi cluinntinn tailmrich na coise maide air an urlar. Dh’ aithnichain a cheum am measg mìltean—stumb, stumb, stumb.” “Ciod so nis, a mhic?” ars’ an t-seann bhean. “’Bheil ulaidh eile aig a’ Bhocadh?” “A mhàthair,” deir e, “eisd ceum na coise maide.” “Feòraich dheth, a ghaoil, ciod a th’ air aire?” ars’ ise. “O! b’ fhearr leam nach fhaca mi riamh e,” deir esan, “e féin na ’churrachd ruadh, na ’sporran leathraich. B’ fhearr leam gu ’n robh iad ceud mìle sa’ chuan, taobh cùl na h-Eirinn. Ma chaomhnar mi gu maduinn, fàgaidh mi an currachd ruadh ’san sporran direach sa’ cheart àite ’san d’ fhuair mi iad.” “B’e sin an amaideachd,” ars’ an t-seann bhean. “Cha dean thu sin, a mhic.” “Amaideachd ann no as,” deir Jerrie, “cha ghabhainn an saoghal ’san t-seann slaighdear bhi air ais ’s air aghart air feadh an tighe—stumb, stumb, stumb! a’ bualadh co riaghailteach ri aon uaireadair ’san tir. Nach eisd sibh fuaim na coise maide.” “Eisd, a mhic,” ars’ a mhàthair, “is innsidh mi dhuit ciod bu chòir dhuit a dheanamh. Falbh am màireach a dh’ ionnsuidh an t-sagart, a’s feòraich dheth-san ciod bu chòir dhuit a dheanamh leis an ulaidh, agus gabh comhairle an duine beannaichte. Cuiridh esan gu feum e airson anam a’ Bhocadh-ruadh.” “Ni mi sin,” deir Jerrie. “Caidlemaid. Nì-maith bhi maille ruinn.” Ach cha b’ urrainn da a shùil a dhùnadh. Ar leis gu ’n robh am Bocadh-ruadh air ais agus air aghart feadh an tighe, sios agus suas—stumb, stumb, stumb, aig a’ choise mhaide air an ùrlar. Dh’ eirich e gu moch. Thug e an currachd ruadh ’san sporan leathraich, ’sa h-uile sgillinn a bh’ annta, leis; agus thug e an sagart air. Cha robh an t-sagart air a choise ’nuair rainig e, ach fhuair e cead dol a stigh do ’n t-seòmar anns an robh e cadal. “’S moch a dh’ eirich Jerrie,” ars’ an sagart. “Ciod th’ air t-aire? Ciod an deifir a th’ ort?” Dh’ innis Jerrie mar a bha. “So,” ars’ esan, “an currachd ruadh ’san sporran leathraich, ’s gach bonn òir agus airgiod a dh’ fhàg e—fàgaidh mi ’n so e air a’ bhòrd. Nì-maith eadar mi ’san t-slaighdear a bhàsaich le breig ’na bheul, ’s ceilg ’na chridhe.” “Cha bhi cuid no pàirt dheth agam,” ars’ an sagart. “Cha bhean mi dha. Thoir air ais e.” “’Ne mise?” deir Jerrie. “Cha toir mi bonn dheth gu bràth a stigh air dorus mo thighe. Nach fheudar a chuir gu feum leis an eaglais, airson maith anam an duine thruaigh a dh’ fhag e.” “Cha bhi cuid no pàirt agam dheth,” ars’ an sagart. “’S coma co dhiubh,” fhreagair Jerrie, “cha chuir mi làmh tuilleadh air; cha chuir gu dìlinn. Cha ghabhainn beartas na h-Eirinn is fuaim na coise mhaide a chluinntinn o oidhche gu oidhche air feadh mo bhothain.” “Mar toir thu leat dhachaidh e,” deir an sagart, “giùlan e do thigh t’ uachdaran, sa’ chaisteal gheal. Tha fios agad gur esan àrd shiorram na dùthcha, ’s cuiridh esan gu feum e gu grad.” “Falbh!” arsa Jerrie, “ghlan mise (Air a leantuinn air taobh 126.) [TD 124] [Vol. 7. No. 16. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 11, 1898. SGEUL UR. Tha fhios againn gu ’m biodh moran de ar leughadairean deònach air naigheachd fhada, air a leantuinn o sheachdain gu seachdain, a bhi anns a MHAC-TALLA. Bha naigheachd mar sin ann uair roimhe a thug mor thoileachadh dhaibhsan a leugh i—“Taigh na Coille.” Tha naigheachdan dhe ’n t-seòrsa sin gle ghann anns a Ghàilig, agus tha fhios againn, air an aobhar sin, gu ’n dean ar càirdean toileachadh ri chluinntinn gu bheil naigheachd thaitneach ri tòiseachadh anns a MHAC-TALLA air an t-seachdain s’a tighinn. ’Se ’s ainm dhi, “Mar a rinn mi m’ fhortan.” Tha i air a sgriobhadh gu h-ealanta, agus theid sinn an urras nach bi neach sam bith a thòisicheas ri ’leughadh toilichte mur faigh e crioch a chur oirre. Bheireamaid comhairle air gach neach a tha deigheil air sgeul mhath, air a h-innse ann a Gàilig bhlasda, e chur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA gun dàil, mur eil e ’ga ghabhail cheana. Tha sinn cinnteach nach eil neach a leughas i nach aidich gur fhiach i barrachd mor us pris a phaipeir leatha fhein. AN SAOGHAL TROIMHE CHEILE. Bithidh a bhliadhna so iomraiteach anns na laithean a tha air thoiseach oirnn, airson gach cogadh ’us connsachadh, airson gach othail ’us upraid, airson gach trioblaid ’us iargainn a bhuineadh dhi. On thainig a’ bhliadhna ùr a stigh, bha agus tha gach cearna de ’n t-saoghal, lan de mhi-rùn, ’us eagal, ’us faiteachas. Air mor-roinn America mu Thuath, rinn na Stàidean straighlich eagalach mu dheibhinn Chuba, ’s gach eucoir ’us ainneart a bha na Cubanaich a’ fuiling bho na Spàinntich. Thainig crioch air a’ chogadh, agus tha ’nis Spàinntich agus daoine glic bho na Stàidean ann am Paris, a’ deanamh oidheirp air gach cuis a reiteachadh eadar na Stàidean ’us Cuba. Is ann gle mhairnealach a tha na daoine tuigseach so ’teachd air an aghaidh anns an obair a ghabh iad os laimh. Cha ’n aithne dhomhsa, co-dhiu, gu d’ rinn na Stàidean, leis gach guth ard a thog iad, caoimhneas beag no mor gus an latha ’n diugh do na Cubanaich. Tha e co soilleir ri solus an latha nach gabh na Cubanaich luchd-riaghlaidh air bith bho na Stàidean, oir tha iad diongmhalta ’n am beachd féin gur e Cubanaich agus Cubanaich a mhain a bhitheas ’n an luchd-riaghlaidh thairis orra a nis, agus anns na laithean grianach a tha, a reir an dochais fein, air thoiseach orra. Tha samchair ann an tomhas aig an àm so ann an America mu dheas. B’ olc an aire nach robh ughdarras tuigseach, laidir, seasmhach anns a chearna so de ’n t-saoghal. Tha beartas anabarrach ann an America mu dheas; agus nam bitheadh dichioll ceart air a nochdadh leis na h-uachdarain ’us an luchd-riaghlaidh, bhitheadh a mhor-roinn so measail, cudthromach, rioghail, cumhachdach anns an t-saoghal. Tha Africa fathast lan iorghuill, ’us geilt, ’us bagraidh. Tha Crugair agus a Bhoeirich anns an Transbhaal, a deanamh gach uilc a’s urrainn iad. Tha ’n laithean air an àireamh; agus cha ’n eil na bliadhnachan fad’ air thoiseach oirnn, anns am bi suaicheantas Bhreatuinn a’ crathadh anns a’ ghaoith anns an Transbhaal. Tha Rhodes a’ togail a chinn a rithist ann an ceann mu dheas Africa; ’s ged rinn e, ma dh’ fhaoidte, mearachd ann an aramach an Transbhaail, is e ceatharnach gasda, aghartach a tha ann; agus ni e gniomharan mora ’s euchdan iongantach air sgath Bhreatuinn ann an Africa, ma bhitheas a laithean air an sineadh. Is e m’ fhior bheachd nach robh aig Breatunn bho laithean Uellington agus Uaterloo, ceannard airm eile co gaisgeil, treun-inntinneach, treubhach ris a Mhorair Citchener. Am balach Eirionnach bochd ann an tus a laithean, tha meas mo chridhe agam air, agus cha ’n ’eil ioghnadh idir orm; agus tha mi ro-thoilichte gu bheil gach baile mor ’us beag ann am Breatunn a’ nochdadh gach meas ’us onoir do’n laoch àluinn Citchener, a thainig bho cheann seachdain no dha do Bhreatunn, an deigh dha euchdan iomraiteach a dheanamh anns an Eiphit. Cha ’n ’eil an diugh aig Breatunn thall no bhos sonn eile a’s modha gaisge, ’s tuigse, ’s moralachd, na Citchener. O cheann seachdain no dha bha eagal air iomadh neach gu bitheadh cogadh gun amharus eadar Breatunn agus an Fhraing. Dh’ innis mi cheana ciamar thoisich Breatunn air amhairc gu curamach as deigh na h-Eiphit. Dh’ fhag na Frangaich gach obair chruaidh aig Breatunn r’a dheanamh. Theich i air falbh agus cha do chaill i duine no storas anns gach cruadal eagalach a rinn Breatunn airson saorsa ’s sonas a’ chosnadh agus ’fhaotainn do na h-Eiphitich. Le cealgaireachd mhosach chuir an Fhraing Marchand, aon de ’ceannardan airm, air falbh; agus thainig e le lan an duirn de Fhrangaich leis, gu Fashoda—baile air bruachan amhuinn mhor na h-Eiphit—baile agus cuibhrionn fharsuing de Africa a bhuineadh do ’n Eiphit anns na laithean a dh’ fhalbh, agus a bhuineas di a’ nis agus gu brath—do Bhreatunn mar an ceudna. Mo thruaighe! is e amaideachd bhronach, bhochd a tha na Frangaich a nis a’ nochdadh. Is e daoine seolta, geur-inntinneach, innleachdach, a tha anns na Frangaich. Tha iad, mo thruaighe! neo-sheasmhach. Cosmhuil ri paisdean, deas gach latha ’s oidhche air aramach a dheanamh, air fuil a dhortadh, ’us air uachdaran a chur sios agus air uachdaran ùr a thaghadh. Thog iad guth uamhasach ard ’us dan mu dheibhinn Fashoda agus an Nile. Cha striochdadh iadsan gu brath do Bhreatunn, na daoine buaireasach, amaideach. B’ fhearr da rireadh, gu robh acasan eadhon tomhas beag de ’n ghliocas, de ’n cheartas, ’us de ’n ohoir eireachdail a tha mar choran glormhor a’ tabhairt speis ’us maisealachd do Bhan-righ Bhreatunn agus d’ a luchd-comhairle uasal, mhor-chridheach, ghasda, churanta. Cha ’n ’eil neoil na comhstri eadar Breatunn agus an Fhraing mu dheibhinn na h-Eiphit thairis fathast. Thubhairt na daoine comasach, a tha air ceann na pàrlamaid a tha ’n aghaidh Shalisbuiridh agus luchd-riaghlaidh Bhreatunn aig an àm so; thubhairt am Morair Rosebuiridh, agus Harcourt, agus Ascuith, agus daoine arda eile: “Bheir sinn gach comhnadh, ’us cuideachadh, ’us aghartas a tha ’n ar comas doibhsan a tha ’nis a riaghladh cuisean troma, ’us mora, ’s fiachail Bhreatuinn. Bitheadh Salisbuiridh agus a luchd-comhairle dileas, seasmhach, neo-sgathach as leth onoir, ’us coirean, ’us morachd Bhreatuinn, agus druididh sinne air sreathan cogaidh, agus bheir sinn ar gaisge, ar treubhantas, ar cumhachd, ’us gach spionnadh, ’us treoir, ’us faoilidheachd a bhuineas duinn, doibhsan—luchd-riaghlaidh dhuineil, mhearganta Bhreatuinn—a chumas suas le guth treun, misneachail, airde ’s ainm, ’us coir, ’us gloir ar dùthcha, am measg rioghachdan an t-saoghail gu h-iomlan. CONA. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. Sidni, C. B., Nov. 1, ’98. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 125] [Vol. 7. No. 16. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha Iseabail Bhurrell, a chuir as d’a triuir chloinne fhéin o chionn ghoirid ann an Toronto, air a cur do’n tigh-chaothaich; rinneadh a mach gu robh i as a rian ’nuair a rinn i an gniomh oillteil. Cha b’urrainn do mhàthair sam bith a bhiodh ’na ciall cur as d’a cloinn féin mar a rinn ise. Chaidh càs neonach fheuchainn ann a Halifacs air an t-seachdain s’a chaidh eadar muinntir da shoitheach smùide a bhuail na chéile air a chuan ri solus an latha. ’Nuair a thainig iad am fianuis a chéile bha astar mile air fhichead eatorra, agus tha e doirbh a thuigsinn carson nach deanadh iad a chéile sheachnadh. A reir breith na cùirte ’se ’n fheadhain a thòisich an lagh bu choireach, agus chaill iad an càs mar is math a thoill iad. Cha’n eil na Stàitean ’s an Spainn a tighinn gu còrdadh ceart idir. Tha na Stàitean air son greim a chumail air gach fearann a choisinn a h-arm—Cuba, Porto Rico agus na h-Eileanan Philipeach, ach cha’n eil an Spainn air son a thoirt dhith; b’àil leatha muinntir nan Staitean a bhi riaraichte le Porto Rico. Feumaidh an Spainn, gun teagamh sam bith, striochdadh aig a cheann mu dheireadh, ach faodaidh a chomhstri mairsinn fada gu leòr mu’n dean i sin. Tha Morair Abaraidhean an deigh a chead a ghabhail de Chanada, agus an ceann latha no dha bidh e ’ga fàgail. Rinn e moran chàirdean air feadh na dùthcha fhad ’sa bha e innte, leis cho aoidheil ’s cho caoimhneil ’sa bha e, agus cho deiseil gus gach ni a bhiodh ’na chomas a dheanamh air son leas agus math an t-sluaigh. Bha a Bhaintighearna a cheart cho measail aig an t-sluaigh ris fhéin, agus tha duilichinn orra i bhi ’gam fàgail. Cha do chaomhain a chàraid uasal so saothair no airgead ann a bhi feuchainn ri iad féin a dheanamh feumail do’n dùthaich. Bha cuirmean mora air an deanamh dhaibh mu’n d’ fhalbh iad ann an Ottawa, am Montreal ’s am bailtean mora eile. Cha’n iad muinntir Cheap Breatunn leotha fhéin a dh’ fheumas a dhi foighidneach a thaobh fosgladh ròidean-iaruinn. Thatar a feuchainn ri rathad a chur troimh chearna de Nobha Scotia, agus bhatar ag obair gu sùrdail air, ach o chionn ghoirid chuireadh stad air; dh’ fhairlich orra-san a bha ’ga chur air adhart tigh’nn gu còrdadh ri Riaghladh Chanada a thaobh airgeid a bha iad an duil a gheibheadh iad mar chuideachadh, agus air an aobhar sin sguir iad. Tha àireamh mhor dhaoine mar sin air am fàgail ’nan tamh, agus tha baile Thruro air a lionadh leotha. Na ’m measg tha còrr us ceud duine mhuinntir Newfoundland, aig am bheil a nise ri dhol dhachaidh, oir cha’n eil cosnadh eile ri fhaotainn. ’Si bharail choitchionn am measg dhaoine nach eil cogadh gu bhi ann air an turus so idir; ach cha’n eil iad cho cinnteach as a chùis ’s bu mhath leotha. Tha Breatunn a deanamh ullachadh gun lasachadh, ach cha ’n eil an Riaghladh a reir coltais deònach innse gu de tha ’nam beachd. Ann a Hong Kong, an la roimhe, bha soitheach Frangach a seòladh a b’ àbhaist a bhi ’giùlan mail do ’n Roinn Eorpa, ach air an turus so fhuaireadh òrduigheah á Breatunn gun litir no ni eile bha dol gu ruige Breatunn a chur leatha; ni nach eil ag amharc gle ghealltannach. Tha cuid dhe’n bharail gu bheil na Stàitean a dol a thoirt pàirt de na h-Eileanan Philipeach do Bhreatunn, agus gur ann air choinneamh sin a tha Breatunn a deanamh ullachaidh anns a chearna sin de’n t-saoghal. Ach ’se ’s dòcha nach eil ann an sin ach barail fhéin. Tha Breatunn, co-dhiu, a cur roimpe bhi deiseil air son ni no neach sam bith a thig a chur dragh oirre no a bhios air son a còir fhéin a chumail uaipe. Dh’ fhalbh an soitheach seòlaidh Foaming Billow, a Halifacs a sheachdain gus an dé ’si dol gu Mabou le luchd bathair; an ath latha thill i ’s an sgiobair, Donnachadh Mac Leoid, air a chall. Le sgiorradh eigin thuit e mach air cliathach an t-soithich. Bha muinntir nan Stàitean Di-màirt s’a chaidh a taghadh Riaghladairean us luchd-pàrlamaid. A reir nam fiosan a thainig gu ruige so, tha na Republicans air toiseach anns an àireamh a’s motha de na Stàitean, gu h-àraidh anns na Stàitean an ear ’sa tuath. Cha’n eil e furasda radh fhathast ciamar a chaidh na Stàitean an iar, ach anns na Stàitean a deas tha na Democrats air toiseach. Tha Alasdair Dòmhnullach, ris an canar Righ Chlondaic, a nise air a thurus dhachaidh gu Antigonish, an t-àite anns an d’ fhuair e bhreith us àrach. Cha robh ann ach duine bochd a dol dh’ an Chlondaic, ach an diugh thatar a meas gur fhiach e còrr us da mhillein dolair. Tha Raonull Moireastan, a mhuinntir a Bheighe ’n Ear, a bha na chompanach aige, a tigh ’nn dhachaidh còmhla ris. Dh’fhalbh an Cordelia an soitheach cogaidh Breatunnach air an d’ thug sinn iomradh anns an aireamh mu dheireadh, as an acarsaid Di-màirt. Tha soitheach eile, am Pelican, a thàinig latha no dha os deigh na Cordelia, a stigh fhathast, agus cha ’n eil fhios cuin a dh’ fhalbhas i. Cha ’n eil teagamh nach feith i mu’n cuairt gus am bi fios cinnteach ciamar a theid cùisean anns an airde ’n ear. Chaidh dithis iasgairean a bhàthadh aig Eilean nan Ian, faisg air a Bhras d’Or Mhor, a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh. Bu bhràithrean iad, Stewart agus Howard Richardson, a mhuinntir siorrachd Halifacs. Bha iad a tilleadh a stigh o’n chuan, agus cha robh iad ach mu dha fhichead slat o thir nuair a chaidh am bàt’ anns an robh iad a chur seachad le tonn. Bha àireamh dhaoine air a chladach ’gam faicinn ach leis cho garbh ’sa bha a mhuir, cha b’ urrainn dhaibh cuideachadh sam bith a dheanamh leotha. Dh’ fhag am fear bu shine dhiubh, Stewart, a bha 44 bliadhna dh’ aois, bantrach agus naodhnar chloinne. Cha robh am fear eile pòsda; bha e 24 bliadhna dh’ aois. Di-màirt s’a tighinn tha aig muinntir na roinne so ri daoine thaghadh air son a bhi riaghladh nan siorrachdan fad nan tri bliadhn ri tighinn. Tha àireamh mhor a ruith anns an t-siorrachd so, agus anns gach siorrachd eile, agus feumaidh gu’m bi iomadh duine bochd aig am bheil dùil ris an urram—ma ’s urram e—a bhios air a mhealladh. Tha sinn an dòchas nach iad na daoine ’s fhearr a bhios air am mealladh; ma ’s iad, cha bhi e ach ’na dhroch comharradh air an luchd-taghaidh. Cluinnear daoine gu tric a gearan air droch ghniomharan nan Comhairleach; ’s còir do na daoine sin air an turus so a bhi cinnteach as an fheadhain leis an bhòt iad, nach dean iad ni sam bith nach bi a chum math an t-sluaigh d’ am bheil iad na ’n seirbhisich. Mur bi an t-siorrachd air a riaghladh ceart ’san àm ri tighinn ’se coire ’n t-sluaigh fhein a bhios ann. IADSAN A’ PHAIGH. Seumas Mac Gille-mhaoil, South Finch, Ont. A. N. Mac Gill-fhaollain, Dunbheagain, Ont. D. I. Caimbeal, Hamilton, Ont. Domhnull MacCoinnich, Orwell Cove, E. P. I. Alasdair Ros, Somerset, Mass. Iain R. MacLeoid, Boston, Mass. Domhnull Mac Neacail, Roseburn, C. B. P. R. Mac-an-t-Saoir, Cnoc an Aoil. Iain A. Domhnullach, Loch Bhlackett. Somhairle C. Caimbeal, Eilean Phòil. D. G. Domhnullach, Sidni. D. A. Mac Cuthais, Rathad Shaleim. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. Nov. 4, ’98. tf REULTAIREACHD. INNSEAR T’ FHORTAN, agus an obair no ’n gnothuch a’s freagarraiche dhut a bhi ris, air son 25 sentichean. Leughadh cinnteach a reir nan reul air a thoirt do gach neach. Innis am do bhreith. “ASTROLOGER,” Box 70, Sydney, C. B. Am bheil thu air son a’ Ghàidhlig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 126] [Vol. 7. No. 16. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 123.) mo lamhan dheth. Sud e air a’ bhòrd. Slàn leibh. Nì-maith a bhi maille ribh; agus slàn shiorruidh leats’, a churraichd ruaidh ’sa sporain!” Leis a so, ghrad dh’ fhàg e an seòmar, agus ruith e sios an staidhir. “Thig air t’ ais!” ghlaodh an sagart, a’s e ann an àrd fheirg. “Pill!” Ach bha Jerrie fad á eisdeachd. Dh’ eirich an sagart, ’s chaidh e do ’n chaisteal gheal, a ghille a giùlan a’ churraichd ruaidh ’san sporran leathraich, ’s dh’ innis e mar bha ’chùis. Chruinnich uaislean ’s luchd-ceartais an àite, agus thugadh a’ chùis ma ’n coinneamh. ’Si ’bhinn gus an d’ thainig iad, drochaid chloiche a thogail air a’ bheul àth. Mu ’n deach bliadhna eile seachad, bha ’n drochaid suas; agus gus an latha an diugh, ’se is ainm dhi, Drochaid a’ Bhocaidh-ruaidh; agus aig ceann na drochaid tha ri fhaicinn gus an latha an diugh, a’ chlach air am b’ abhaist do ’n deirceach suidhe. Cha do chuir spiorad an deircich riamh tuilleadh dragh air Jerrie, ’s cha chualas tuille fuaim na coise maide. Ach ’s iomad aon, o’n àm sin, de dhaoine aineolach, a thubhairt gu ’m fac iad taibhse an t-seann duine a’ falbh na h-aibhne le ’luirg fhada, ’s le ’churrachd ruadh, a’ tolladh ’sa rannsachadh fo bhun gach cloiche airson a sporran leathraich.—Cuairtear nan Gleann. MAR GHEIBH THU’N SAOGHAL. LE DONULL MAC CALUM. An déigh bàs an athar bha Croit an Eas Mhòir aig na tri bràithrean Iain, Dònull agus Murchadh. Bha aca mar an ceudna bàt’ iasgaich, an “Eala Bhàn,” fo làn uidheam eadar riu. Chaidh iad mòran bhliadhnachan gu sona, soirbhicheil, ag obair comhladh. Ach cha’n ’eil staid ’s am bith, anns an t-saoghal so seasmhach ach ré tamail bhig. Mu dheireadh dh’éirich eas-aonachd cho mòr eadar Murchadh agus a bhraithrean ’s gu’n d’fheum e dealachadh riu, agus àit’ a ghabhail dha fhéin. An déigh sin cha robh comunn ’s am bith eadar Murchadh agus a bhràthrean. Bliadhn’ an déigh sin dh’fhàg Dònull a chuid de’n chroit agus de’n bhàt’ aig Iain agus thug e America air a dheanadh fhortain an sin. Fhuair Donull air aghaidh ann an America, an toiseach, agus fad ùine mhòr, cha robh bliadhna nach robh e cuir cuideachadh math thun Iain. Ach a dhà luaithead ’s fhuair e air aghaidh thuit e air ais. Na staid ìosal chuir e roimhe tilleadh d’a thìr féin agus còmhnuidh ghabhail le bhrathair Iain. A chum ’s gu’m biodh Iain ullaicht’ air a shon sgrìobh e ’n litir so thuige. “A bhràthair chaoimh, is caochlaideach cor an t-saoghail. ’N uair a shaoileas duine gu bheil fhortan deanta, gu bheil a’ shonas cinnteach, faodaidh gu bheil stéidh a’ dhaimhnich air fàilneachadh, gu bheil baideil oidh’ air éiridh. Mu’n am so ’n udhraidh co bu shòlasaiche na mise air an robh grian ag éiridh? An diugh cò is truaighe? Chaill mi mo stòras, bhris air mo shlàinte, chaochail mo theadhlach! Falamh, am aonran, ann an tìr choigrich, dh’ fhagar mi. “Ach ’s dàn dhomh bhi gearran agus gu bheil agam annadsa caraid caomh, mo bhrathair, ’n uair tha mi gun fheum a ghabhas mo dhragh, ’n uair tha mi gun chuid nach faic ann an dith mi, agas air coigrich nach leig m’ uallach. Air an ‘Aurora’ bithidh mi seòladh dhachaidh thugad. Gheibh thu eachdraidh mo chor an déigh dhomh ruigeachd. Gu sin, slàn leat.” ’N uair a thill Dònull d’a thìr féin choinnich Iain aig a’ bhaile puirt e. Thug Iain a stigh e do’n Temperance Hotel agus an déigh dhoibh biadh a ghabhail agus a cheile fheoraich thuirt e ris—“A nis a Dhònuill tha mi dol a dhinnseadh dhuit dé thà mi dol a dheanadh air do shon. Cha’n urrainn mi do thoirt thun an tighe. ’S i bean uasal, mhòr a th’agam pòsda, agus tha h-uile ni aice cho dòigheil, cho riomhach, ’s cho suidhichte, ’s nach urrainn i an t-arreachadh a’s lugha dheanadh. Tha’n aon seòmar falamh a bh’aice air ’ullachadh air son French governess tha tighinn air an ath sheachdain a theagasg na cloinne. Ach air a shon sin cha d’ rinn mi dearmad air ullachadh a dheanadh air do shon-sa. Fhuair mi àite ’s an tigh-bhochd dhuit. An sin bithidh agad am fasgadh an t-aodach, an teachd-an-tìr agus am frithealadh tha còir laghail agad orra, agus cha bhi thu’n eismeil neach ’s am bith. Tha mi’n dòchas gum bi thu toillicht’ ann. Tha’n Governor na dhuine tha anabarach còir. Gheibh thu dol a laithe air naoi uairean feasgair agus cha ruig thu leis éiridh gus am bi e sia uairean ’s a’ mhadainn. Mar teid agad air do lite ghabhail ’s a mhadainn gheibh thu tì air a mheadhon-là. Fanaidh tu ann a so gus an toir Inspector nam bochd do’n tigh thu. Tha tea party ri bhi againn aig an tigh air an fheasgar so agus gu bhi ann an am air a shon feumaidh mi bhi fabh a nis oir cha bhiteud réidh ’s an fhidhil. Beannachd leat a bhalaich bhochd.” Dh’fhalbh Iain. Leag Donull uilnean air a bhord, chrom e cheann air a lamhan, agus le trom osnaich ghuil e gu truagh ag ràdh—“Och nach truagh nach d’fhan mi ann an tìr m’ alabain gus an d’ fhuair mi bàs a creidsinn gu ’n robh neach ann aig an robh gràdh dhomh. O! nach b’ fhaoin dhomh bhi smuainteachadh nach b’ urrainn an saoghal an còr a dheanadh orm!” Ann an sin fo sgìths mulad agus an-dochas chaidil e. Cha robh e fada na chadal nur a dhùisgear e le crathadh làmh threun air a ghualain. Sheall e suas agus cò a chunnaic e ach a bhràthair Murchadh na sheasadh na làthair! Thuit Murchadh air a mhuineal agus phòg se e. Bha gu leòir a siod a shasachadh uil’ iarrtas anama. Anns an fhàilte bheannachte chur Murchadh air fhuair Donull a dhùsgadh ann sonas, creideamh agus neart a rinn òg a ris e. Bha uidheam-ghiulain aig Murchadh aig an dorus deas a thoirt a bhràthar dhachaidh leis, agus thug e dhachaidh e. Bha bhrathair Murchadh ’s na h-uile duine bh’ aige cho chaoimhneil ri Donull agus cho fritheilteach da ’s gun robh a bheatha air a deanadh dha cho sòlasach ’s b’urrainn neach na shuìdheachadh a bhi. ’N uair a thòisich Dònull air fàs cho ìosal, mu bhliadhna gu leth an déigh dha tighinn dhachaidh á America thòisich an iomagain a bha daonan air nach robh e faotainn litir a bhi dùil aige rithe á America air a bhi anabarach trom air. Là a’ phosda bhiodh e fheòraich fichead uair “An d’ thaing na litrichean,” mu’n tigeadh iad. ’N uair a chluinneadh e nach robh litir ann dha theireadh e—“Tha i air an t-slighe. Thig i ’n ath là.” Air do mhòran làithean mar sin dol seachad ’n uair a bha Dònull a dlùthachadh ris an dearanaich thàinig an litir agus cho luath ’s a b’ urrainn dhoibh chuir iad na làmh i. Cha luaithe mhoithich i na bheannaich e lamh urra. Dh’ éirich e suas na shuidhe chuir e’n litir ri bhillean, phòg e i agus le guth laidir thubhairt e—“Athair chaoimh, tha gach ni gu math, tha mi ulladh gu trial; gabh manam ad’ làmhan.” An sin laidh e sìos leis an litir fo lamhan air uchd agus thug e suas an deo. Thiodhlaic a bhràithrean corp Dhonuill ann an uaidh athraichean. ’N uair e thill iad dhachaidh o’n toradh leugh Murchadh a litir a thàinig a America do Dhònull an làthair Iain agus nan càirdean eile bha cruinn. So na briadhran a leugh e—“Mo Dhonull gràdhach:—Air son na h-eucoir e rinn mi ort, agus a mhì-chreideas a bh’ agam anad tha mi nis ag guidhe gu’n toir thu dhomh maithneas. Mar h-éisd thu rium cha’n fhaigh mi sìth gu bràth. An diugh air a leabaidh-báis dh’aidich Seumas Mòr gur h-i a bhreag a dh’innis e mud’ thiomchul. Gheall mise dha sin innseadh dhuit a chum ’s gum faigheadh e maithneas mu’m faigheadh e bàs. ’Nuair a gheibh mi fios uait cuiridh mi fios air ais le ceud gu leth punnd Sasanach agus m’ eachdraidh o’n a dheallaich sinn. Tha mi ’n dòchas gu bheil thu gu maith agus nach bi fada gus an cluinn mi uait. Is mi do charaid Ruaraidh Og.” Air do na cairdean greis a thoirt a còmhradh mu’n litir as nach b’urrainn dhoibh mòran brìgh a thoirt ach gu’n robh Ruaraidh Og deas a chur ceud gu leth punnd Sasunnach thu’n Dhònull nach bu mhairean, thubhairt Iain riu mar so—“O’n nach beò Donull ’s ann dhomhsa bhuineas an t airegiod sin. Mu’n d’ fhalbh Donull do America rinn e dileabaich air dhiomh sa. Tha’n tiomnadh agam a stigh agus leigidh mi fhaicinn dhubh uair ’s am bith e.” “Cha’n eil sin féin ro choltach.” deir Murchadh, gu’m faigh thu a chuid ’s nach gabhadh tu a’ dhragh.” “Cha ’n eil mi dol a dh’ éisdeachd,” deir Iain, “ris a chòr mhì-mhoth. Tha coltach gur e’n lagh a dh’ fheumas a chùis a cheartachadh.” “Mar sin,” deir Murchadh, “bitheadh e.” Agus ’s ann mar sin a bha e. Chaidh na bràithrean gu lagh. Leis an tiomnadh a bhi aige bhuithinn Iain. An sin sgrìobh Iain thun Ruaraidh Oig an t-airgiod a chuir thuige-san oir gu’m b’ easan an t-aoighre. Sgriobh Ruaraidh Og thuige ag ràdh—“’Se tìodhlac a bha mise cuir thun Dhònuill agus a nis o nach mairean a cha ’n ’eil aobhar agam an tiodhlac a chuir thugad-sa.” Thug Iain a chùis do fhear-lagh agus ’n uair a thug am fear-lagh a h-uile sgillinn a bh’aige uaithe sgrìobh e thuige gu’n do chaill e’n latha. ’N uair a bha crioch air an lagh chuir Ruaraidh Og an t-airgiod thun Mhurchadh mar thìodhlac. Achmhasan an Amadain. Bha duin-uasal mor àraidh ann a bha ’gleidheadh amadain, d’ an d’ thug e aon latha bata, le ordugh teann a ghleidheadh, gus an tachaireadh e ri amadan bu mho na e fein. Beagan bhliadhnachan an deigh sin, dh’ fhàs an duin uasal tinn, eadhon chum bàis. Thainig an t-amadan g’a amharc; thuirt a thighearna eu-slan ris: “’S eiginn domhsa ’n ùine ghoirid d’ fhagail.” “’S c’ait tha thu dol?” ars an t-amadan. “Do shaoghal eile,” fhreagair an duin’-uasal. “Agus c’uin a thig thu a ris? ann am mios a thim?” ars an t-amadan. “Cha tig,” ars an duin’-uasal. “An taobh a stigh do bhliadhna?” ars an t-amadan. “Cha tig,” ars an duin’-uasal. “C’uin mata?” ars an t-amadan. “Cha tig gu bràth,” ars an duin’-uasal. “Gu bràth, nach tig!” ars an t-amadan; “agus ciod an t-ullachadh a rinn thu airson goireis dhuit fein ’s an àite sin d’am bheil thu dol?” “Cha d’ rinn ullachadh idir,” ars an duin’-uasal. “Nach d’ rinn!” ars an t-amadan; “nach d’ rinn ullachadh idir! So, mata, gabh mo bhata; oir, le m’ uil’ amaideachd-sa cha ’n eil mi ciontach de amaideachd ’s am bith cosmhuil ri sin.” Mar dh’ iarr an Giullan Ileach a Bhrogan a Dheanamh. Brògan bileach, baileach, beul-dubh, o dhruim leathar nam bò, o thàrr leathar nan aighean, farra-bhuinn a steach, gearra-bhuinn a mach, buinn fhada, dhìreach nan sìneadh eatorra sin; built chiar-dhubh, dhonna o chìrein na droma, snàthain caol réidh, guin gheur, tarruing air éiginn, làmh deagh fhòghlum ga ’m fuaidheal; buanas bròig fir Eilean, eireachdas bròig mhic righ, ’s ged bhuaileadh i air a chraig gum bu mheasa do ’n chraig na dh’ i. Thatar ag iomradh a nise gu bheil Breatunn an uine ghoirid a dol a ghabhail seilbh gu buileach air an Eipheit. Ni sin an fhearg buileach a chur air na Frangaich, agus tha daoine dhe’n bharail gur ann as a chùis sin is dòcha cogadh a thighinn na as a chomhstri a bha eatorra a thaobh Fashoda. [TD 127] [Vol. 7. No. 16. p. 7] Oran A RINN AILEIN AN RIDSE ANN AN DEIREADH A LAITHEAN. Air fonn:—“Cumha Chloinn Domhnuill.” B’e sgeul truagh do shiol Adhamh, ’S cruaidh ri àireamh ’s ri aithris e; Nuair bha bhean anns a ghàradh Mar thug Sàtan an car aisde; Choisinn cuaradh a bhais dhuin, Fhuair an namhaid cas thairis oirnn; Thuirt ’s a bhuaireadh cho tràth ’s, E buan mar fhàgail nach dealaich rinn. ’S beag an t-ioghnadh mi liathadh— Coigh gach bliadhna chaidh thairis orm; Theid an cunntas dhomh diamhain, Chum ’s an fhiaras mi mhaireas dhomh; Tha mo pheacanan lianar, ’S cùis chianail ri aithris dhomh, ’S aobhar eagail dhomh an t-siorruidheachd, ’S a bhi triall ann an ath-ghoirid. ’S aobhar eagail us cùram Bhi toirt cùnntas nam aimideachd, ’S mi faicinn le m’ shùilean Ceann na h-ùine bhi teannadh orm. Tha mo shaoghal air m’ fhàgail, Cha’n eil ach sgàil agus falas ann; ’S gur ro ghoirid na làithean, A bhios mi tàmh anns an fhearann so. Gur cuis eagail gu brath dhomh Mar bha mo nàdur a mealladh orm, Dol fo bhreitheamh an àrd righ ’S am peacadh gràineil na eallaich orm. ’Nuair a bhrist mi na fàintean Chuir sid Pàrras am mearachd orm, Dhomh-sa ’s measa mar tha sin Ma thig am bàs ann an ealamhachd. So an tim dhomh bhi dùsgadh S’a bhi le cùram nam faireachadh, A bhi dian air mo ghlùintean Ag iarraidh ùine gu aithreachas. A bhi diadhaidh ’nam ghiùlan Ciallach ciùin le fior charranteachd, Lan fialachd is ùmhlachd Re m’ ùin’ air an talamh so. Ach tha mi ’n dòchas gu làidir Gu bheil na gràsan a teannadh orm, A bheir mathadh ’s gach fàilinn Mu’n deid an snàthean a ghearradh orm. Tha mo bhun anns an Trianaid, Os leith Chriosd bho’n se cheannaich sinn; ’Nuair a ruigeas mi ’n t-siorruidheach, Gu’n doir e sochairt do m’-anmsa. MO Thruaigh Prionns’ Tearlach. [EADAR. LE FIONN.] Gu m’ fhàrdaich thàinig eun beag, binn, Is sheinn e fonn bha àluinn, ’S b’ i so an t-séisd a bha e ’luaidh, “Mo chreach ’s mo thruaigh Prionns’ Teàrlach!” ’Nuair chuala mi an ealaidh bhròin, Grad bhruchd mo dheòir ’s mi cràiteach; ’Toirt ùmhlachd, chrom mi sios mo cheann. ’S mo chrìdh’ an geall air Teàrlach. Is thuirt mi “’eoin a’s bòidhche snuadh, O, c’àite ’n d’ fhuair thu t-òran, Am bheil do chrìdh’ air chìnnt fo leòn, No ’n ceòl so ’rinn thu ’fhòghlum?” “Cha’n é, cha’n é,” ghrad sheinn an t-eun, “Air sgéith ’s glé mhoch a dh’ fhàg mi, B’e sin an là le uisge ’s fuachd, Mo chreach ’s mo thruaigh Prionns’ Tearlachl” “Air feadh nam beann ’s leis fhéin mar chòir Tha e gun treòir ’na fhòg’rach; Fo mhi-ghean ’s cùram tha an triath, ’S an namh gu dian an tòir air. ’N uair chunnaic mi e ’n raoir ’s a ghleann, Bha aogasg fann le ànradh; ’S cha mhòr nach d’ fhàg sud mi gun tuair, Mo chreach ’s mo thruaigh Prionns’ Tearlach!” “’Nuair chiar an là ’sa shéid a ghaoth, Measg ghleannan caol is stùcan; O, c’àite ’n d fhuair an t-òigear tàmh, ’Bu chòir ’bhi ’pràmh ’na lùchairt? ’Na Bhreacan-guaille laidh an laoch, Air leaba fhraoich ’san fhàsach; Fo sgàile faoin nam preas ’s nam bruach, Mo chreach ’s mo thruaigh Prionns’ Tearlach. An t-eun thug sùil, ’s bha luchd-nam-lann, A dlùth’chadh teann mu’n cuairt air, Cha’n àite so ’s am faod mi tàmh, Is feàrr dhomh nis bhi gluasad.” Ag éiridh chuairtich e mi dlùth, Mu ’n tug e cul ri m’ fhàrdaich; ’S b’e ’n caoidhrean brònach dh’ fhag e’m chluais, “Mo chreach ’s mo thruaigh Prionns’ Tearlach!” Tha na fiosan mu dheireadh a thàinig a Manitoba ag innse nach eil an crithneachd cho fad air ais ’sa bha ’san ainm an toiseach; cha d’ rinneadh uiread millidh air idir ’sa bhatar ag radh. Is ni bàrr as nach urrainnear a bhi cinnteach gus am bi e air a bhuain ’san gràn air a thasgadh anns na saibhlean. ’S math nach eil an crithneachd gu bhi gann, oir dheanadh sin am biadh daor air feadh na dùthcha air fad. DO BHIADH. Do Neart—Ma bhios e air a dheagh chnamh. Mur eil do stamag a deanamh a h-obair, feuch K. D. C. Cha ’n eil duine air am bheil Cion-cnamhaidh a cur dragh nach cuidich e—do nach toir e slainte agus comhfhurtachd. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son a chuim. Leighsidh iad Teanntachd, ma ghabhar iad maille ri K. D. C. AIR AN SAR MHOLADH. Sampuill de K. D. C. ’s K. D. C. Pills a Nasguidh. K. D. C. Company, Limited, New Glasgow, N. S. & 127 State St. Boston, Mass. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. Am Feillire. NOBHEMBER, 1898. 1 Di-mairt An t-Samhuinn. 2 Di-ciaduin Latha nam marbh. 3 Dior-daoin 4 Di-haoine Tighinn Uilleam III. do Bhreatunn, 1688 5 Di-satharna 6 DI-DONAICH 22 Donaich na Trianaid. 7 Di-luain (6) Pòsadh Fionnghall Dhomhnullach, 1750 8 Di-mairt 9 Di-ciaduin Glacadh Montreal, 1775 10 Dior-daoin Breith Mhartin Luther, 1483 11 Di-haoine 12 Di-satharna (13) Blar Sliamh an t-Siorra, 1715 13 DI-DONAICH 23 Donaich na Trianaid 14 Di-luain Bas Chaluim Cheann-mhor, 1093 15 Di-mairt 16 Di-ciaduin Bas Ban-righ Mairearad 1093 17 Dior-daoin 18 Di-haoine 19 Di-satharna Breith Tearlach I., 1601 20 DI-DONAICH 24 Donaich na Trianaid 21 Di-luain Bas Sheumais Hogg, 1835. 22 Di-mairt Bas Morair Chlive, 1774 23 Di-ciaduin 24 Dior-daoin Bas Iain Knox, 1572 25 Di-haoine 26 Di-satharna 27 DI-DONAICH Donaich na h-Advent 28 Di-luain 29 Di-mairt 30 Di-ciaduin An Fhéill Anndrais MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 10, M. 14 M An Solus Ur, L. 14, U. 8, M. 9 F A’ Cheud Chairteal L. 20, U. 0, M. 51 F An Solus Lan, L. 28, U. 0, M. 25 M DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. [TD 128] [Vol. 7. No. 16. p. 8] BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 129] [Vol. 7. No. 17. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 18, 1898. No. 17. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. I. LAITHEAN M’ OIGE. Chuala mi iomradh air fear a bha ’g radh gu ’n robh cuimhne aige air an stob air an robh an crùisgean an crochadh an oidhche a rugadh e! Is e so cuimhne a’s fhearr air an cuala mi iomradh riamh. Ged nach ’eil mo chuimhne-sa cho fior mhath ri cuimhne an duine chòir ud, tha deadh chuimhne agam air mòran nithean a chunnaic agus a chuala mi o’n a bha mi ’nam phàisde beag. Smaoinich mi nach biodh as an rathad dhomh cuid dhe na nithean a chunnaic agus a chuala mi a sgrìobhadh, gun fhios nach fhaodadh iad a bhith ’chum buannachd do mhuinntir eile. Thug na chunnaic mi, na chuala mi, agus na thachair dhomh a’ dol troimh ’n t-saoghal gus a so, tomhas mòr de ghliocas dhomh. Mar a tha ’n sean fhacal ag ràdh, “Cha deanar duine glic ach air a chosg fhein.” Ach ged a tha so fior gu leòr, tha e mar an ceudna fior gu ’m faod duine glic sam bith iomadh dragh agus trioblaid a sheachnadh le bhith gu cùramach a’ gabhail beachd air an dòigh anns am bheil soirbheachadh no mi-fhortan a’ tighinn an rathad dhaoine eile. Tha eòlas air eachdraigh beatha dhaoine eile dhomhsa agus dhuibhse dìreach mar a tha eòlas air a’ chairt-iùil do ’n mharaiche. Tha na sgeirean, na sruithean, na rudhachan, agus na callachan sabhailte air an comharrachadh am mach gu soilleir anns a’ chairt-iùil, a chum gu ’m bi luchd-falbh na mara air am faicill roimh gach cunnart, agus gu ’n teid iad a ghabhail tearmuinn do ’n challa shabhailte ann an uair na h-eiginn. Tha ’n leabhar a chuir Dia ann an lamhan dhaoine ag innseadh dhuinn mòran mu thimchioll nan dòighean anns an do thuislich na daoine cho diadhaidh ’s a bha riamh air an talamh. Tha so air innseadh dhuinn, cha ’n ann a chum gu ’n rachamaid ceum is ceum air seachram mar a chaidh iadsan, ach a chum gu ’n seachnamaid gach ceap-tuislidh air an do thuislich iadsan; dìreach mar a tha na sgeirean agus na bodhachan air an comharrachadh gu soilleir anns a’ chalrt-iùil, a chum gu ’m biodh gach sgiobair luinge air ’fhaicill air eagal gu ’n dean e long-bhristeadh orra. Am feadh ’s a bhios mi ’g innseadh cuid dhe na bheil air chuimhne agam dhe na chunnaic ’s a chuala mi, agus a thachair rium, thig orm mòran a sgriobhadh mu thimchioll mo bheatha fhein, agus mar a fhuair mi air aghart ceum air cheum a dh’ ionnsuidh an t-suidheachaidh anns am bheil mi an diugh. Cha ’n ’eil moit sam bith orm, ged a rinn mi fortan le mo chruaidh-chosnadh fhein. Bu bheag orm riamh na daoine moiteil, agus cha ’n ’eil mi ’smaointean gu ’n robh mor-mheas aig duine riamh orra, ged a bha iad fhein an dùil gu ’n robh. Rugadh mise ann an gleannan boidheach ’s a’ Ghàidhealtachd. Cha robh aig m’ athair a dh’ fhearann ach na chumadh còig mairt-laoigh, dà each, agus mu fhichead caora. Anns an àm ud bha daoine aig am biodh uiread so de dh’ fhearann agus de stoc air am meas glé mhath dheth. Agus dh’ fhaoidte sin; oir bha iad air an deagh bheathachadh le toradh an cuid fearainn agus an cuid spréidhe fhein. Bha iomadh duine bochd ’s an dùthaich a bha ann am freasdal, mar a theirteadh, “a bhith ceannach a’ pheice.” Ach bha e furasda gu leòr min is gràn fhaotainn anns an dùthaich. Na ’m biodh an t-airgiod ann an làmh duine, gheibheadh e min is gràn aig muilleir ’s aig marsanta. Faodar a ràdh gu ’n robh an dùthaich anns an d’ rugadh mise ’g a beathachadh fhein gu ìre bhig aig an àm ud. Bha ’m buntàta ’fas ann am pailteas; oir cha robh guth air gaiseadh aig an àm ud. Bha iasg gu leòr ri fhaotainn, gu h-àraidh fad an fhoghair ’s a’ gheamhraidh an uair a thigeadh an sgadan agus an sùidhean a steach do ’n locha. Cha robh ach gann punnd de dh’ ìm no de dh’ fheòil a’ falbh as an dùthaich; agus cha robh de phrìs air na h-uighean ach dà sgillinn ’s bonn-a-sia an dusan. Bhiodh am pailteas de chàl ’s de churrain aig gach teaghlach ach ainneamh. An uair a mharbhteadh mart math, no a sia no seachd de mhoilt ’s de chaoraich toiseach a’ gheamhraidh ann an teaghlach, bhiodh eanraich math, reamhar agus feòil sea leis an aran ’s leis a’ bhuntàta. Agus bu mhath am biadh e gu fuachd a’ gheamhraidh ’s an earraich a chumail am muigh, agus gu slàinte is fallainneachd a chur anns na daoine a bhiodh ’ga ghabhail. An uair a thigeadh duine dhachaidh fliuch, fuar feasgar an déigh dha bhith ’gearradh, no ’feamanadh, no ’taomadh, no treabhadh, bu mhath am biadh dha trinnsear math de dh’ eanraich, cnap math feòla, agus a dhìol de dh’ aran math coirce, no eòrna, agus de bhuntàta, seach an tì thana, lachdunn air am bheil daoine cho déidheil an diugh. Cha ’n ioghnadh ged a bha ceatharnaich mhòra, làidir, chruadalach ann an uair ud a sheasadh ri fliuchadh, ri fuachd ’s ri anastachd. Cha chluinnteadh, ach glé ainneamh, guth no iomradh air greim-lòin, no air déideadh, no air fichead eile dhe na h-eucailean a tha cho cumanta am measg an t-sluaigh an diugh. B’ ainneamh a chuirteadh feum air doctair, no air a chuid chungaidhean. A null mu thoiseach an earraich, an uair a dh’ fhàsadh am bainne gann, agus a bhiodh an fheòil a’ dol an deireadh a ruith, bhiodh pailteas de dh’ ìm ’s de chàise aig an àireamh bu mhò dhe ’n t-sluagh. Agus gu cinnteach cha robh iad mosach m’a dheidhinn. Bha càirdeas, is comunn, is gaol am measg an t-sluaigh an uair ud nach ’eil am measg an t-sluaigh ’s an àm so. Dheanadh iad cuideachadh le chéile aig iomadh àm dhe ’n bhliadhna nach deanar ach glé ainneamh ann an àite sam bith an diugh. Bu chaoimhneil, càirdeil iad ri chéile aig àm dripeil na bliadhna. Rachadh gillean òga, tapaidh a bhuain na mònadh do ’n duine bhochd, dhripeil aig an robh teaghlach lag; agus cha b’ i mòine na bantraich bu deireannaiche a bhiodh gun bhuain. An àm an fhoghair, gheibheadh am fear a bhiodh air dheireadh leis a’ bhuain, leis an dlùthadh, agus le togail a’ bhuntàta, cuideachadh o ’n fheadhainn a bhiodh ullamh air thoiseach air. An àm tubhadh nan taighean gheibheadh an duine bochd, lapach cuideachadh uapasan a bha treun, tapaidh, luath, làidir. Am feadh ’s a bha gach fear a’ giùlan uallaich fhein cho math ’s a dh’ fhaodadh e, bhiodh e feuchainn ri bhith giùlan uallaich chàich mar an ceudna. Bhiodh na h-oidhcheannan fada geamhraidh air an cur seachad ann an dòigh a bha neo-lochdach gu leòr. Bhiodh sgeulachdan is duain na Feinne air an aithris ann an iomadh taigh. Agus chumteadh air chuimhne gach sean-fhacal, is dubh fhacal, is tòimhseachan air an cualas iomradh. An uair a bhiodh iad sgìth dhe so, bhiodh an ùine air a cur seachad le comhradh deadh-chainnteach, geur-chuiseach, agus le ceòl is dannsa. Bha m’ athair-sa (cha ’n ann a chionn mise ’g a ràdh) ’na dhuine cho glic, deanadach, dòigheil ri duine a bh’ anns an àite. B’ iomadh fear bu mhò a chuireadh a dh’ obair as a dheigh na e, ach b’ ainneamh fear a dheanadh obair na bu shnasaile na e. Cha bhiodh cearb air aon obair a dheanadh e an uair a bhiodh i ullamh. Bhiodh am fearann air a dheadh àiteach; bhiodh an t-arbhar air a bhuain ’s air a chur fo dhion gu doigheil, snasail; agus bhiodh gach taigh air a thubhadh ’s air a shiomanachadh cho math ’s nach ruigeadh e leas éirigh as a leabaidh an uair a thigeadh an stoirm. A dh’ aon fhacal, cha bhiodh ceann sgaoilte air obair sam bith anns an cuireadh e a làmh. Bha mo mhàthair a cheart cho math gus a cuid fhein a dh’ obair an taighe a dheanamh ’s a bha m’ athair. Bheathaicheadh i crodh, is laoigh, is gamhna cho math ri te a bh’ anns an dùthaich; dheanadh i ìm is càise gu leòr; b’ ainneamh a chunnacas riamh deur de bhainne goirt aice; cha robh na b’ fhearr na i air calanas anns an dùthaich. Eatorra le chéile bha iad a’ cumail gach ni cho dòigheil ’s cho òrdail ’s a b’ urrainn a bhith. Cha robh fiachan aig marsanta no aig uachdaran riamh orra. Ged a bha na nithean so a dh’ ainmich mi gu math, bha nithean eile annta a rinn mòran a bharrachd feuma dhomhsa, agus b’ e sin, an t-suim ’s an cùram a bha iad a’ gabhail dhiom air eagal gu ’n leanainn eiseimpleir dhroch chompanach. Cha ’n fhaodainn a dhol air chéilidh do thaigh sam bith anns am biodh daoine gun mhodh a’ cruinneachadh. Air Di-donaich, cha ’n fhaighinn cead a dhol a shiubhal a’ mhonaidh, no dhol timchioll a’ chladaich mar a rachadh gillean òga, gòrach eile a bh’ anns an àite. Ach gheibhinn mo dhìol cluichd a dheanamh aig an taigh air latha seachdain comhladh ri gillean òga sam bith a ghluaiseadh iad fhein gu modhail, iomchuidh. Ged nach robh an stamhnadh a bha mo phàrantan a’ cur orm a’ cordadh rium aig an àm, bha mi iomadh latha glé thaingeil dhaibh o ’n uair ud. Thuig mi gu ’m b’ ann air mo ghaol agus nach b’ ann air mo ghràin a bha iad ’g am chumail fo smachd. “Ge b’ e nach ionnsaichear aig a’ ghlùin cha ’n ionnsaichear aig an uilinn.” Ged a bhiodh iad air mòran airgid fhàgail agam, rud nach robh comasach dhaibh a dheanamh, bu bheag feuma ’dheanadh e dhomh a’ dol troimh chùrsa na beatha an coimeas ris an eiseimpleir a chuir iad fa m’ chomhair, agus ris an smachd a bh’ aca orm. [TD 130] [Vol. 7. No. 17. p. 2] Tha mi nis ’nam sheann duine, agus bu choltach gu ’m biodh fios agam air iomadh rud air am bheil daoine a tha na ’s òige na mi aineolach, agus theirinn nach ’eil e an comas do phàrantan ni sam bith a thoirt do ’n cloinn a’s feumaile dhaibh ré an beatha na modh agus smachd a chur annta, agus eisimpleir mhath a chur fa ’n comhair. Ged bu leotha ionmhas a chruinne-ché dh’ fhaodadh iad a chall no mi-fheum a dheanamh dheth. Ach ma chuirear modh is ionnsachadh ann an daoine òga, agus gu h-àraidh ma chuirear eisimpleir mhath, dhiadhaidh fa ’n comhair ’nan òige, faodar dòchas a bhith gu ’n gluais iad iad-fhein gu h-iomchuidh, measail, cliùiteach fad uile làithean am beatha. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. VII. Bha m’ athair-sa ann am Bagdad ri linn righ Haroun Alraschid, agus bha e air a radh gu ’m b’e marsanta cho beairteach ’s a bh’ ann am Bagdad gu leir. Bha e gle dheidheil air toileachas-inntinn, agus air an aobhar sin cha robh e toirt an aire dha ghnothach cho math ’s bu choir dha. An aite saoibhreas fhagail agamsa aig am a bhais, mar a dh’ fhaodadh e ’dheanamh, is ann a bha moran fhiachan air. Ach chaidh agamsa ri uine air na fiachan a phaigheadh gu leir, agus ’na dheigh sin shoirbhich leam mar nach b’ olc. Air madainn araidh an uair a dh’ fhosgail mi a bhuth thainig bean uasal, a’ marcachd air aiseal, agus dithis dhe cuid sheirbhiseach, gu dorus na buthadh. Le cuideachadh nan seirbhiseach thainig i air lar. “Nach duirt mi ribh,” arsa fear dhiubh, “gu’n robh e tuilleadh is trath dhuibh tighinn a dheanamh ceannachd do na buithean. Na ’n do ghabh sibh mo chomhairle-sa cha bhiodh sibh a’ feitheamh cho fad ’s a bhitheas sibh.” Sheall a’ bhean uasal mu’n cuairt oirre, agus an uair a chunnaic i nach robh buth fosgailte ach a’ bhuth agamsa, dh’ iarr i orm cead a thoirt dhi suidhe anns a bhuthaidh agam gus am biodh na buithean eile air am fosgladh. Thuirt mi rithe gu’n robh lan chead aice air suidhe anns a’ bhuthaidh agam fhad ’s a thogradh i. Shuidh i gu toileach, agus an uair a chunnaic i nach robh duine an lathair ach mise agus a dithis sheirbhiseach, thog i an srol bhar a h-aghaidh. Agus feumaidh mi ’radh nach fhaca mi boirionnach riamh cho briagha rithe. Cha bu luaithe chunnaic mi i na thuit mi ann an trom-ghaol oirre. Cha robh mi ’togail mo shuil dhith, agus dh’ aithnich mi oirre nach bu mhisde leatha mi bhith cumail mo shuil oirre idir; oir thug i uair is uair cothrom dhomh air lan-shealladh dhe h-aghaidh ’fhaicinn. An deigh dhi a h-aghaidh a chomhdach, dh’ fheoraich i dhiom an robh na h-aodaichean riomhach a bha dhith oirre agam. “Cha ’n ’eil iad agam idir,” arsa mise, “cha’n ’eil annamsa ach duine og a tha air ur-thoiseachadh. Cha ’n ’eil mi fhathast comasach air am bathar a’s fhearr a cheannach. Tha e ’cur dragh mor orm nach ’eil ni agam a fhreagras oirbh. Ach a chum nach bi agaibh ri dhol o bhuthaidh gu buthaidh, theid mise, ma thogras sibh, agus ceannaichidh mi dhuibh na tha dhith oirbh air a’ phris a’s isle.” Dh’ aontaich i leam anns an t-seasamh bonn, agus thoisich i ri comhradh rium. Bha ’n comhradh a’ cordadh rium cho math ’s gu’n robh mi mu dheireadh a’ cur an ire dhi nach d’ thainig na marsantan fhathast. Bha mi ’ga dheanamh so air ghaol a cumail a’ comhradh rium cho fad ’s a b’ urrainn mi. Bha i pailt cho tlachdmhor ’na comhradh ’s a bha i ’na cruth ’s ’na coslas; ach b’ eiginn domh sgur de chomhradh rithe, tlachdmhor ’s mar a bha i. Dh’ fhalbh mi le cabhaig feuch am faighinn na h-aodaichean a bha dhith oirre. Thill mi ann an uine aithghearr, agus an uair a thagh i na h-aodaichean a thaitinn rithe, dh’ aontaich i gu’n tugadh i dhomh coig mile bonn airgid air an son. Phaisg mi gu grinn curamach na cheannaich i uam, agus thug mi e do ’n t-seirbhiseach a bha comhladh rithe gus a ghiulan dhachaich. Dh’ fhag i slan agam, agus dh’ fhalbh i. Chaidh mi thun an doruis, agus bha mo shuil oirre gus an deachaidh i as mo shealladh. Cha bu luaithe a dh’ fhalbh i na thug mi an aire gu’n d’ thug an tlachd a ghabh mi dhith orm dearmad a dheanamh air ni a bha gle chudtromach. Cha d’ thug mi uiread is cuimhne gu’n d’ fhalbh i gun aon bhonn a phaigheadh air son na thug i leatha. Cha b’e mhain sin, ach cha do smaoinich mi fhaighneachd dhith, co i, no c’ aite an robh i ’fuireach. Ach air a shon sin, chunnaic mi gu’n robh mi an sas air son fiachan troma do na marsantan o ’n do cheannaich mi an t-aodach, agus gu’m faodadh gu’m biodh iad ag iarraidh an airgid orm gun dail sam bith. Chaidh mi far an robh iad, agus leig mi orm gu’m b’ aithne dhomh a’ bhean uasal gu math, agus ghabh mi mo leithsgeul riutha cho math ’s a dh’ fhaodainn. Ach an am tilleadh dhachaidh bha mi fo dha eallach—eallach gaoil agus eallach fhiachan. Dh’ iarr mi dail sheachd latha air na marsantan o’n do cheannaich mi am bathar; ach an uair a chaidh na seachd latha seachad, cha robh fois na tamh agam leotha. Ach an uair a ghuidh mi gu durachdach orra gu ’n tugadh iad dhomh dail seachdain eile, dh’ aontaich iad gu’n deanadh iad sin. Air an ath latha thainig a’ bhean uasal do ’n mhargadh, agus seirbhisich comhladh rithe mar bu ghnath leatha. Thainig i direach a dh’ ionnsuidh na buthadh agamsa. “Cha do phaigh mi thu cho trath ’s bu choir dhomh. So agad do chuid airgid. Thoir an lathair a’ bhancair e, agus bi cinnteach gu ’m bheil do chuid fhein agad.” Chaidh an seirbhiseach a ghiulain an t-airgiod gu m’ ionnsuidh comhladh rium gu ruige am banca, agus fhuair sinn an t-suim ceart gu leor. ’Na dheigh fhuair mi de thoileachadh gu’n robh mi greis mhath a’ comhradh rithe anns a’ bhuthaidh. Thug na bha eadrainn de chomhradh orm a chreidsinn gu’n robh i anabarrach glic, tuigseach. Gun dail sam bith, chaidh mi far an robh na marsantan leis an airgiod a bh’ aca orm. Thug iad gu toileach dhomh tuilleadh bathair a bha mi gus a reic ris a’ mhnaoi-uasail. Is e ’bh’ ann gu’n tug a’ bhean uasal leatha fiach mile bonn oir gun uiread is peighinn a phaigheadh air a shon; agus cha b’e sin a mhain, ach cha d’ innis i, co i, no c’aite an robh i ’fuireach. Chuir so ioghnadh gu leor orm; gu sonraichte an uair a thug mi fa near, gu’m faodadh i mo chur ann am fiachan troma, agus gun bharrantas sam bith agam gu’m paigheadh i aon pheighinn air son na thug i leatha. Cha robh fhios agam am faicinn gu brath tuilleadh sealladh dhith. Thuirt mi rium fhein, “phaigh i mi air son na thug i leatha an uair a bha i an so roimhe; ach is docha gu’m fag i mi an drasda ann am fiachan gu ’m amhaich. Cha chreid mi gur e bana-mhealltair a bh’ innte; agus shaoilinn nach cuireadh i mise ann an trom-fhiachan co dhiubh. Cha ’n eil e coltach gu ’m bheil eolas sam bith aig na marsantan oìrre; agus gabhaidh iad greim ormsa air son nam fiach. A dh’ aon fhacal, ged a bha mi air tuiteam cho trom ann an gaol oirre ’s a bha mi, bha mi gle neo-fhoiseil ’nam inntinn an uair a thug mi fa near mar a bha cuisean. Chaidh mios seachad mu’n cuala mi iomradh oirre a rithist; agus re na h-uine sin bha dragh gu leor air m’ inntinn. Bha na marsantan ’g am chur thuige gu mor air son nam fiachan, agus gus an riarachadh bha mi suidhichte gu’n reicinn gach ni a bh’ agam gus am paigheadh. Air latha araidh thainig i, agus phaigh i dhomh a h-uile bonn a bh’ agam oirre. Bha mi greis mhath a’ comhradh rithe. Chuir i iomadh ceisd orm, agus am measg gach ceisd eile, dh’ fheoraich i dhiom an robh mi posda, agus thuirt mi rithe nach do phos mi riamh. Rinn an seirbhiseach a bha comhladh rithe gaire, agus an uair a thug e ceum beag a thaobh mi, thuirt e, “tha mise ag aithneachadh air do shuilean gu’m bheil gaol agad air a mhnaoi uasail so, agus tha ioghnadh orm nach do leig thu ris d’ inntinn dhi. Tha barrachd gaoil aicese ortsa na th’ agadsa orre-se. Cha’n ’eil mor fheum sam bith aice air a’ bhathar a tha i ’ceannach uat. Is e an gaol a th’ aice ort a tha ’toirt oirre a bhith ’tighinn do’n bhuthaidh agad. Is e so a thug oirre fhaighneachd am bheil thu posda. Cuir tairsge posaidh m’a coinneamh. Is e do choire fhein a bhios ann mur pos thu?” Thuirt mi ris gu’n robh mi ann an trom ghaol oirre o’n latha a chunnaic mi a’ cheud shealladh dhi; ach nach robh de mhisnich agam a smaoinicheadh gu’n gabhadh i mi ri m’ phosadh; agus gu’n robh mi fada ’na chomain air son ’na dh’ innis e dhomh. An uair a bha mi ’cur an oir ann an aite sabhailte dh’ innis esan do ’n mhnaoi uasail an comhradh a bh’ eadar mi fhin ’s e fhein. An uine ghoirid ’na dheigh sin dh’ eirich a’ bhean uasal gu falbh, agus an uair a bha i ’gabhail a cead dhiom, thuirt i gu’n cuireadh i an seirbhiseach le teachdaireachd far an robh mi, agus nach robh agam ach deanamh mar a dh’ iarraidh e orm. Phaigh mi na fiachan a bh’ aig na marsantan orm, agus bha mi aireamh laithean gu neo-fhoiseil a’ feitheamh ri fios fhaotainn o’n mhnaoi uasail. Mu dheireadh thainig an seirbhiseach far an robh mi, agus ghabh mi ris le mor-chaoimhneas. An uair a dh’ fheoraich mi cia mar a bha ’bhana-mhaighstir, thuirt e, “Is tu fear cho fortanach ’s a th’ air an t-saoghal; oir tha i ann an trom ghaol ort. Tha i air bhainidh gus d’ fhaicinn; agus nam biodh a cead fhein aice, thigeadh i far am bheil thu, agus chuireadh i seachad a h-uine gu leir ’nad chuideachd.” “Dh’ aithnich mise air a coltas agus air a cainnt gur e fior bhean uasal a th’ innte,” arsa mise. “Tha thu ceart gu leor,” ars’ esan, tha meas mor aig Sobaide, a’ bhan-righ oirre. Is i a thog ’sa dh’ araich i o’n a bha i ’na naoidhean, agus tha i ag earbsa gach ni rithe. Bha toil aice posadh, agus dh’ innis i do’n bhan-righ gu’n do thuit i ann an trom-ghaol ortsa, agus ma gheibh i aonta na ban-righ posaidh i thu gun teagamh. Ach mu’n toir a’ bhan-righ a h-aonta feumaidh i thusa fhaicinn, a chum gu ’m bi i comasach air a thuigsinn an d’rinn a bhean uasal og roghainn mhath an uair a roghnaich i thusa. Agus ma ghabhas a’ bhan-righ barail mhath ortsa, ni i a’ bhanais air a cosg fhein. Faodaidh tu a bhith cinnteach gu ’n taitinn thu ris a’ bhan-righ mar a thaitinn thu ris a’ mhnaoi uasail oig. An rud a thaitneas ris an dara te taitnidh e ris an te eile; oir tha iad anabarrach mor aig a cheile. Cha ’n ’eil agadsa ri dheanamh ach tighinn do’n luchairt. Chuireadh mise ’g ad iarraidh, agus faodaidh tu falbh comhladh rium uair sam bith a thogras tu.” “Tha mise mar tha suidhichte gu ’m falbh mi comhladh riut ge b’ e air bith aite do’n iarr thu orm a dhol,” arsa mise. “Gle cheart,” ars’ esan, “ach tha fhios agad nach fhaod fir a dhol gu follaiseach do chuirt nam ban anns an luchairt, agus feumar do thoirt ann cho falachaidh ’s a ghabhas deanamh. Rinn a’ bhean uasal og a cuid fhein dhe’n ghnothach gle mhath. Feumaidh tusa do chuid fhein dhe’n ghnothach a dheanamh gu curamach faicileach. Mur dean thu so, is docha gu’n caill thu do bheatha air a shaillibh.” (Ri leantuinn.) [TD 131] [Vol. 7. No. 17. p. 3] LITIR A ONTARIO. FHIR-DEASACHAIDH,—’S iomadh latha thainig ’sa dh’ fhalbh o’n sgriobh mi mu dheireadh a dh’ ionnsaidh MHIC-TALLA. Dh’ fhalbh maise agus bòidhchead an t-samhraidh agus breacadh an fhoghair o’n uair sin, agus tha nise gach comharradh ri fhaicinn nach eil an geamhradh ro fhada bhuainn. Tha an duilleach air tuiteam bhar nan craobh, tha gach lus maoth air a gearradh sios, cha chluinnear ceilearadh nan ian an àm éiridh na gréine, tha gruaim fhuar a fas air aghaidh nan speuran. Tha gach creutair ag iarraidh fasgaidh o’n ghaoith fhuar a tha séideadh o’n àirde ’n ear air a measgadh le uisge fuar agus sneachda. Tha na h-oidhcheannan air fàs fada agus fuar; feumaidh bean-an-taighe tuilleadh phlaideachan a chur air na leapaichean, agus an teine bhi air a chumail làn connaidh. Am ballach beag a bha falbh cas-ruisgte fad an t-samhraidh, bidh e nise ghnàth ag eigheach caiseart fhaotainn dha, agus ’s iomadh clann bhochd a tha gun chòmhdach aca air son an fhuachd, a dh’ fheumas a bhi gan tional féin nan grulagan taobh a chéile air son iad féin a chumail blàth. Na ’m fosgladh daoine mòra agus saoibhir an t-saoghail so an cridheachan agus gu’n sealladh iad le truas air gach creutair bochd a tha gun bhiadh, gun aodach, air son còmhnadh a dheanamh leotha, saoilidh mi gu’m biodh iad a deanamh tròcair an àm feuma, agus an sin dh’ fhaoidte radh mu’n timchioll, “Is beannaichte na daoine tròcaireach, oir gheibh iad tròcair.” Is iomadh duine bha beò, slàn, fallain an uair a sgriobh mi mu dheireadh, nach fhaicear tuilleadh ann an tir nam beò. Agus tha cuid anns an àite so a gheall an athair ’sam mathair a thréigsinn, agus dlùth-leantuinn ri mnaoi phòsda. Bha mi an la roimhe a toirt caraid a bha aig an t-seann dachaidh fad da mhios an deigh dha bhi àireamh bhliadhnaichean ann an dùthaich fad as, dh’ ionnsuidh cala ’n rathaid iaruinn, agus an uair a bha e fàgail beannachd aig a chuideachd uile thainig e mu dheireadh a dh’ionnsuidh a mhàthar, agus ged a tha an radh ud fior, gu’n tréig mac a mhàthair, cha’n eil e air a ràdh gun trèig màthair a mac. Bha a mhàthair ud le cridhe goirt a tùrsa an deigh a mic, agus thug i orm a bhi smaoineachadh nach eil cridhe air an t-saoghal cho goirt ri cridhe màthar a caoidh a mic. Bha side bhriagha thioram againn an so fad an t-samhraidh, agus an fhoghair. Fhuaireadh am fiar ’s gach bàrrr eile a chur fo dhion gun bhoinne uisge fhaicinn. Dh’ fhàs an t-uisge anns na tobraichean anabarrach iseal, agus bha aig cuid a dhaoine gu tric ri ’n cuid cruidh a chur astar mile no dha a dh’ ionnsuidh an uisge. Tha am bàrr uile air a bhualadh, agus ann an cu d a dh’ àiteachan rinn e gle mhath. Tha na prisean gle mhath; a pheasair, 60c am buiseal; an coirce, 27c; agus an crithneachd, 70c. Tha an crithneachd saor, ach ’s math e bhi pailt. Tha flùr math a creic air $3.75 am barailte. Cha’n eil am buntàta cho math; bhuail an reothadh e ann an Iulaidh, agus aig roinn mhor bha e air a mhilleadh gu buileach. Bha e creic air son dolair am poca (90 punnd) o chionn mios, ach tha e nise air tuiteam gu 75c am poca. Thuit pris nam muc, agus tha moran air am mealladh, oir bha dùil aca ri pris mhor orra. Chaidh a phris aon uair cho àrd ri sia dolair an ceud beò, agus is math an airidh iadsan a bha le mullach an t-sannt ag iarraidh pris a b’ fhearr na sin a bhi air am mealladh. Tha pris gle math air spréidh; tha bliadhnaich a creic o $15 gu $20 an ceann. Tha pris nan each air a dhol an àirde cuideachd; eich a bhatar a creic air $5 a dha bhliadhna ’n ama so, thatar a nise faotainn o $25 gu $30 orra, agus iad da bhliadhna na ’s sine. Bha mi a smaoineachadh leis cho fada ’sa bha mi gun sgriobhadh gu’n dùisgeadh cuid-eigin eile as a shuain anns an àite so, agus gu’n sgriobhadh e litir gu MAC-TALLA, ach tha mi faicinn nach robh anns an smaoin sin ach diomhanas. Cha mhor nach eil e cho furasda na mairbh a dhùsgadh as an cadal ri daoine chur a sgriobhadh Gailig, ged a tha moran ann a dh’ fhaodadh am peann uisneachadh “mar pheann an laimh fir-sgriobhaidh deas, a sgriobhas sios gu luath.” Ach cha chuir iad de dhragh orra fhein na chuireas sios ni sam bith, luath no mall. Bha Gilleasbuig Domhnullach agus a bhean fad da mhios aig tigh an athar ’s am màthar, faisg air an àite so air an fhoghar. Bha Gilleasbuig anns a Chlondaic fad bliadhna, agus tha cùnntas gu math cruaidh aig air a chruadal a tha ri fhulang anns an àite fhuar, fhiadhaich ud. Tha e ag ràdh gur e fear ainneamh a sheasas da bhliadhna an sud gun bristeadh air a shlàinte. Tha òr gu leòr ann, ach b’ fhearr gréim bidh na cnap oir ’nuair a bhiodh duine bàsachadh leis an acras. Thug esan agus companach dha suas leotha deich ceud fichead punnd bidh, agus chum sin riutha fhad ’sa bha iad ann. Bha e ’g innse gur h-iomadh uair a chaidh $75 a thairgse dha air leth-cheud punnd flùir, agus nach gabhadh e idir e, oir cha reiceadh e punnd dheth. Tha Nial Mac-an-t-Saoir, a bha bhos mu’n àm so ’n uiridh ann am baile Durham, air fuireach tuilleadh us fada anns an dùthaich sin, agus bhrist air a shlàinte. Rinn e moran airgeid agus òir, ach gu de ’s fhiach sin an uair nach eil an t-slàinte aig duine ri mealltuinn. Tha mi faicinn gu bheil an Doctair Mac Neill, á Chicago a’ gabhail MHIC-TALLA. Faodaidh mi radh gur ann am baile beag Phriceville a rugadh ’sa thogadh Uisdean, no Eoghan, mar a theireamaid ris an so. Ged a tha e nise ’na dhotair ann am baile mor Chicago, ’si Ghàilig a chumas e riumsa a h-uile uair a chi mi e. Tha e tighinn a dha no tri dh’ uairean sa bhliadhna a choimhead air athair, a tha nise air fàs gu math sean; cha mhor mhac a tha cho dleasannach ris anns an dòigh sin. Tha aon àithne nach do chum an dotair fhathast—cha do phòs e. Ach cha’n eil teagamh nach eil e mar a tha iomadh fear eile, dhe’n bharail nach eil a bhi bristeadh na h-àithne sin na pheacadh mor sam bith. Bha upraid mhór againn an so an àm a bhi bhòtadh air son stad a chur air an stuth làidir. Bha a chuid bu mhotha air son stad a chur air, co-dhiubh a bhios sin air a deanamh no nach bi. Tha sinn an dòchas gu’m bi, ged a tha cuid ag radh nach leig sinn a leas duil a bhi againn ris aig an àm so. Bha mi gle bhuidheach dhe ’n MHAC-TALLA, mar a thug e seachad a bharail fhéin, agus ’si sin a bharail bu chor a bhi aig na h-uile neach, nan sealladh iad air ’san dòigh bu chòir dhaibh. Is mor an cron a tha an stuth làidir a deanamh, agus bu choir do na h-uile aon a tha ’g aideachadh a bhi ’na Chriosduidh a bhi ’na aghaidh. Tha sinn a cumail suas na Gàilig gu math anns a bhaile so; tha an t-Urr. Maighstir Mathanach ’ga searmonachadh na h-uile maduinn Sàbaid anns an eaglais Chleirich. Bha an comancahadh againn an so o chionn da sheachdain, agus chaidh a h-aon deug de bhuill ùra a stigh ris an eaglais Tha mi a smaoineachadh gu bheil mo litir a nis fada gu leòr, agus gu bheil an t-àm agam sgur. Tha mi toilichte fhaicinn gu’n deach am MAC-TALLA am meud o’n sgriobh mi roimhe; ’se sin a thug orm na h-uiread a sgriobhadh aig an àm so. Sguiridh mi, ma ta, a gealltuinn nach bi mi cho fada gun sgriobhadh a rithist. Is mi do charaid dileas, IAIN MAC ’ILLEASBUIG. Priceville, Ont., Nobh. 3, 1898. SUIRIDHE DHOMHNUILL BHIG IS ANNA. Ann an aon de ghlinn uaine eilean bòidheach, còmhnard Prionns’ Iomhair, bha fleasgach òg, beadarrach ris an abradh daoine am bitheantas “Domhnull Beag,” a gabhail còmhnuidh. Ged nach robh Dòmhnull—mar thuigeas sibh bho ’n ainm—anabarrach mor, foghainteach na phearsa, bha e cho luath, làidir, aigeannach ri uiread de dhuine ’san dùthaich gu leir. Tha ’mhàthair ag radh, ged a shiubhladh tu ’h-uile ceum eadar an Ceap an Ear agus Rudha na h-Airde ’n Iar, nach fhaigheadh tu mac màthar anns an astar, cho glic, feumail, beusach, eireachdail ri Domhnull. Tha moran ann nach eil idir a creidsinn sin, ach sud agad teisteas a mhàthar air, agus co a’s fhearr fios na ise? Mar chaidh na bliadhnaichean seachad thòisich Domhnull air toirt fainear an ni a mhothaich Adhamh ann an Garadh Eden, agus iomadh fear eile bho ’n uair sin,—“Nach robh e maith do ’n duine a bhi ’na aonar.” Mar sin thòisich e ri sealltuinn mu chuairt am measg nigheanagan na coimhearsnachd air son mnatha. Tha e air innseadh gun robh sùil aig iomadh caileag chiùin, ghasda, mhaiseach ann an Domhnull, ach nam measg uile cha robh ach aon té do ’n d’ thug e spéis. “Ciod e,” ars a mhàthair, “thug ort a leithid de thlachd a ghabhail do dh’ Anna seach te eile?” “Innsidh mi sin dhuibh,” arsa Domhnull. “Tha buaidh air Anna nach eil air moran de nigheanan an latha ’n diugh. Tha i anabarrach math air gearradh connaidh; agus, mar is math tha fios agaibhse, ’se sin ni is fuathach le m’ anam féin. Chuir mi romham na ’m posainn am feasda nach gabhainn ach te a bhitheadh math air an tuaigh. Cha ’n eil agam air na caileagan spaideil, pròiseil, nach dean ni a’s fearr na scolaireachd no crotchetidh, no srann a thoirt air organ no air piano.” Coma co dhiubh, thoisich Domhnull air taghal air Anna gu math tric. Ma dheireadh thall fhuair an laochan do mhisneach na dh’ fhaighneachd de dh’ Anna am pòsadh i e. Ach mo chreach! dhiùlt i sin a dheanamh. Tha e coltach gun d’ thug i bòid nach pòsadh i fear a bhitheadh ris an tombaca; agus, gu mi-fhortanach, bha Domhnull gle dheigheil air an luibhe mhosaich sin. Ciod e nise ghabhadh deanamh? Bha da ni ann nach bitheadh Domhnull beò as an aonais—an tombaca agus Anna; agus bha e nise soilleir nach b’ urrainn e a shealbhachadh ach aon dhiu. Cha bhristeadh Anna air a bòid ’s cha mhò b’ urrainn Domhnull bochd sgur dhe ’n “smocadh.” An robh duine riamh na leithid de chàs? Is docha ma dh’ innseas mi an dòigh anns an robh inntinn Anna air a h-atharrachadh nach creid sibh mi. Is e sgeul iongantach a tha ann da rireadh, agus ma tha i fior tha e soilleir nach deachaidh linn nam miorbhuilean fathast seachad. Cha’n fhiach sgeula Norah O’Neil agus na bean shithe a bhi bruidhinn orra idir an taca ris an ni so a thachair anns an latha ’s am bheil sinn beò. Ged ’dhiùlt Anna Dòmhnull lean e air taghall oirre na bu trice na bha e riamh, is na h-uile cothrom a gheibheadh e chuireadh e an céill a ghradh dhith. Oidhche de na h-oidhcheannan dh’ fhan e car anmoch. Cha robh anns an t-seòmar ach iad fhéin le cheile. ’N uair a bhual an cloc da uair dheug dh’ eirich Domhnull gu falbh. Smaoinich e gum faighneachdadh e anns an dealachadh, air son an uair m’a dheireadh, an gabhadh i idir e. Tha ’mhàthair ag radh gu ’n robh e na chleachdadh aig Domhnull a bhi ri ùrnuigh, gu sònruichte ’nuair a bhitheadh e ’n àite cumhang. Agus gu dearbh bha e aig an àm so ann an (Air a leantuinn air taobh 134.) [TD 132] [Vol. 7. No. 17. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 18, 1898. AN SAOGHAL TROIMHE CHEILE. Thainig crioch air an trioblaid uamhasach a bha eadar Breatunn agus an Ehraing o cheann seachduin no dha. Is e daoine innleachdach, inntinneach agus gleusda ’tha daonnan ann am moran de na Frangaich anns gach ginealach. On thoisich iad air Ceann-suidhe ’bhi aca thar an duthcha, ’s mar so air doigh ùr riaghlaidh a bhi aca, tha iad fuasach ciogailteach, neo-sheasmhach. Cuiridh an gnothuch a’s faoine ’s a’s suaraiche fearg oillteil orra; ’us cosmhuil ri paisdean beaga ni iad farum ’us straighlich eagalach, gus an cuir iad thairis an luchd-riaghlaidh. Cha do sheas an luchd-riaghlaidh mu dheireadh a bha aca ach ceithir miosan. An uair a thoisicheas gearan no uprait air bith, beag no mor, glic no amaideach, feumaidh luchd-comhairle nan Frangach glaodhach a mach le airde ’n cinn mar nach robh aca stuaim no toinisg riamh. Tha iad aig an àm so fein air bruach atharrachaidh no aramaich muladaich, mur tabhair iad aire gu feum a’s fhearr na tha iad a’ deanamh d’ an teanga ’s d’ an seanachas, ’us d’ an comh-luadar, ’us d’ an gniomharan le duthchannan eile. Thainig an Ceannard Marchand le cead ’us stiuradh luchd-riaghlaidh na Frainge, o airde ’n iar Africa thairis air a’ mhor-roinn gus an d’ ruig e ceann na Nile—amhainn iomraiteach na h-Eiphit. Tha na Frangaich ag agairt coir air Fashoda agus air cuibhrionn fearainn farsuing, beartach a bhuineadh do ’n Eiphit mun do thoisich ceannairc Arabi anns an Eiphit. Is e duine struidheil a bha anns a’ Chedibhe, seanair a’ Chedibhe a tha nis, lag ’us aineolach mar e, ’mealtuinn sgaile na cumhachd anns an Eiphit, oir is e ’m Morair Cromair—uachdaran co glic, comasach ’us fearail ’s a bha riamh aig Breatunn—a tha ’riaghladh cuisean na duthcha, ’s a tha ’faotainn soirbheachaidh—air nach robh riamh aithne aig an Eiphit bho linn Ioseiph—do gach ard ’us iosal; do gach ceaird ’us obair; do gach baile ’s achadh anns an tir. Fhuair an Cedibhe, air an d’ rinn mi iomradh, moran airgid bho dhaoine beartach anns an Fhraing agus ann am Breatunn. Thog e luchairt an deigh luchairt, agus ghabh e latha suilbhir dheth gun smuain onorach a bhuileachadh orrasan bho ’n d’ fhuair e an t-òr ’s an t-airgiod. A reir gach coslais cha robh beachd air bith aig a Chedibhe air riadh no calp a phaigheadh gu brath ris na daoine ’thug an t-airgiod dha air tus. Chunnaic luchd-riaghlaidh Bhreatuinn agus na Frainge gu tainig an t-àm anns am feumadh iad smachd a chur air a’ Chedibhe mi-onorach agus caoin-shuarach, agus oidheirp dhurachdach a’ dheanamh air-son an cuid fein ’fhaotainn air ais do na daoine ’thug seachad e do ’n Chedibhe leis an dochas gu faigheadh iad riadh air a shon, agus fa-dheoidh gu faigheadh iad an calp air ais mar an ceudna. Chuir iad grabadh air a’ Chedibhe ’us rinn iad riaghailtean trid am faigheadh na daoine bho ’n d’ fhuair an Chedibhe an t-airgiod, urras airson an airgid agus gealladh laidir gu faigheadh iad an riadh gu cinnteach. Cha robh an Chedibhe aon chuid duineil no tapaidh. Is e uachdaran lag, gun fheum a bha ann. Dh’ fhas aon de ’cheannardan (Arabi) co dàn, dalma ’s gu do ghabh e air fein long na dùthcha ’stiuradh, a reir a thoil mhaith fein. Dh’ fhas e gle shoilleir do luchd-comhairle Bhreatuinn agus na Frainge gu feumadh iad Arabi ’s aramach a chiosnachadh le neart a’ chlaidheimh; oir, mur deanadh iad so, gu rachadh gnothuichean na h-Eiphit bun os cionn; gu rachadh an dùthaich gu sgipidh ’us gu muladach air a h-ais gu staid bhronach, bhochd; agus gu cailleadh na daoine ’thug an òr ’us an airgiod do ’n Chedibhe, an airgiod gu buileach. Cha tugadh Arabi feart air achmhasan air bith a fhuair e. Thainig Breatunn agus an Fhraing gus a’ chomh-dhunadh gu cuireadh iad le cheile ann an stri nan lann crioch air uabhar ’us aramach Arabi, ’us gu ’n aisigeadh iad sith ’us seasgaireachd air an ais do ’n Eiphit. Roghnaich iad ann an tus na comhstri, ballachan Alecsandria a leagainn agus sealbh a ghabhail air a’ bhaile. Bha cabhlach Bhreatuinn agus na Frainge cruinn le cheile ann am Bagh Alecsandria. Fhuair ceannard cabhlach nam Frangach ordugh bho Cheann-suide na Frainge am bagh fhagail le ’longan-cogaidh, agus gun comhnadh air bith a thabhairt seachad air-son crioch a chur air ugdarras mosach, caillteach Arabi. Chuir longan-cogaidh Bhreatuinn Alecsandria as a cheile, agus rinn na saighdearan Breatunnach greim air a’ bhaile mhor. Chuir feachd Bhreatuinn aig Tel-el-Cebir crioch air aramach ’us air cumhachd Arabi. Ghabh na Breatunnaich os laimh an Eiphit a riaghladh, agus is maith agus is ro-mhaith a fhuaradh iad cheana a dh’ aindeoin gach farmaid ’us ceap-tuislidh a nochd agus a chuir na Frangaich an gniomh. On thoisich Breatunn air an Eiphit a riaghladh, tha na Frangaich a’ faotainn riadh an cuid airgid, agus tha gach cinnte aca gu bheil an airgiod tearuinte gun amharus, mar nach robh e riamh roimhe, ’s mar nach bitheadh e gu brath, as eugmhais Bhreatuinn. Dh’ innis mi cheana ann am MAC-TALLA, cia co maith ’s a shoirbhich leis an Eirionnach ghasda, am Morair Citchener; agus cia mar thug e buaidh air a’ Chalifa, ’s mar fhuair e air an ais do ’n Eiphit Cartoum, agus bailtean ’us roinnean farsuing eile ’bhuineadh do ’n Eiphit bho cheann iomadh latha ’s bliadhna. Cha do chosd an Fhraing a h-airgiod no fuil a saighdearan ann an saorsa, ’s seasmhachd, ’us soirbheachadh aisig air an ais do thir na h-Eiphit. Nach dàna, mata, do na Frangaich a bhi ’cumail a mach a nis gu bheil coir acasan air cuibhrionn de ’n dùthaich agus de ’n Nile mar an ceudna. Chosd cuisean na h-Eiphit cradh, ’us iomaguin, ’us maoin, ’us gaisge gu leoir do Bhreatunn; agus is ceart tha ’luchd-riaghlaidh agus a sluagh gu leir, am feadh a tha iad ag innseadh do na Frangaich gu fan iadsan anns an Eiphit, agus nach tabhair iad sealbh air a chuid a’s lugha de ’n dùthaich no de h-amhainn do’n Fhraing no do rioghachd air bith eile. Tha saoibhreas mor na tire a’ faotainn cothroim air e fein a nochdadh. Tha ceartas a nis air a thabhairt do ’n duine bhochd co maith ris an duine bheartach; agus tha aig na h-Eiphitich aobhar sonruichte ’bhi ’g radh, gu b’e da rireadh, latha grianach a thainig le ughdarras Bhreatuinn air an Eiphit; agus gu bitheadh an tir cosmhuil ri dorchadas na h-oidhche, nam fagadh na Breatunnaich an dùthaich. Tha dichioll air a dheanamh a nis aig an tigh ’us thairis air nach robh eolas aig Breatunn bho chogadh a’ Chrimea, air-son gach long-cogaidh bheag ’us mhor a chur anns an uidheam a’s fhearr a chum gniomh gaisgeil a nochdadh ma thig feum air gunnachan mora ’loisgeadh agus air claidheamh geur a tharruing. Tha rioghachdan uaibhreach na h-Eòrpa ’g am mealladh fein, le bhi ’saoilsinn nach tarruing Breatunn air chor air bith an claidheamh as a thruaill, agus gu faod iadsan an toil fein a ghabhail, gun eagal air bith gu dean Breatunn cogadh ’n an aghaidh. Tha amharus laidir air feadh an t-saoghail an diugh, gu bheil luchd-riaghlaidh Bhreatunn a dol a ghabhail tir na h-Eiphit fo ’n sgiath, ’s an didein, ’s an sgaile, ’us fo ’n ughdarras fein; agus nach faigh an Fhraing, no ’n Sultan—ceannard baoghalta nan Turcach—cothrom no cumhachd air bith thairis an Eiphit. Ni Breatunn ceartas ’us firinnteachd ann an cuisean na h-Eiphit. Gheibh gach fine ’s duine an coir dhligheach fein, gus an sgillin mu dheireadh; agus gheibh na h-Eiphitich tuath ’us deas, ard ’us iosal, ceartas ’us ionracas; agus gach saorsa, ’s sonas, ’us agh, ’us tearuinteachd a’s urrainn do riaghladh glan, comasach, glic, laidir ’us neo-sgathach a bhuileachadh air dùthaich no air daoine air bith fo ’n ghréin. CONA. CEILIDH NAN GAIDHEAL. Gheibhear air taobh eile riaghailtean a tha aig comunn de’n ainm so a tha ann am baile Ghlascho. Mar chi neach sam bith ni na riaghailtean a leughadh, cha’n eil ni mu thimchioll a chomuinn nach eil furasda gu leòr a dheanamh, agus tha sinn fhéin dhe’n bharail gu’m faodadh iomadh comunn dhe’n t-seòrsa cheudna bhi air a shuidheachadh ann an Canada air a gheamhradh so. Tha iomadh baile beag agus sgireachd air feadh na dùthcha anns am bheil de Ghàidheil, sean agus og, na chumadh “Ceilidh” suas fad a gheamhraidh gun dragh no cosguis mor sam bith. Gheibheadh iad sin deagh luach an saoithreach anns an obair, agus bheireadh iad toil-inntinn mhor do mhuinntir eile aig am bheil gràdh do chainnt agus do àbhaistean an sinnsir. [TD 133] [Vol. 7. No. 17. p. 5] NAIGHEACHDAN. Anns an deich miosan a chaidh seachad thàinig dlùth air ochd mile deug us coig ceud (18,478) de luchd-imrich á Breatunn do Chanada. Tha sin a thri uiread ’sa chaidh do Australia ’san ùine cheudna, agus ceithir mile a bharrachd air na chaidh do roinnean Breatunnach ann an Africa. Thatar a tolladh air son olla timchioll air Loch Ainslie fad an t-samhraidh, ach an deigh a dhol gu doimhneachd seachd ceud deug troigh thainig an t-uisge stigh agus b’ fheudar sgur. Tha iad a dol a thòiseachadh air tolladh ann an àit’ eile gun dail, agus le bhi faiceallach a thaobh an uisge, tha iad an dùil gu ’n teid aca air an olla ruigheachd aig doimhneachd da mhile troigh. Thainig bean tuathanaich d’an ainm Laliberte, ann an cearna de Chuebeic, ri beatha fhein o chionn ghoirid, ’nuair a bha a fear anns a bhaile air cheann gnothuich. Thatar ag radh nach robh a charaid gle thoilichte cuideachd, agus gur e sin a thug oirre-se crioch a chur oirre fhein. Thainig tuathanach ann an cearn’ eile ri bheatha fhein mu’n aon am, a chur an t-sabhail na theine ’se fhein na bhroinn. Ann an stòr beag am Montreal, a sheachdain gus an dé, loisg duine air nighinn oig, ’ga marbhadh air ball, agus an sin chuir e crioch air fhéin. Bha gealladh-pòsaidh eadar e-fhein ’san nighean, ach dhiùlt ise a phòsadh a chionn e bhi trom air an òl. Chaidh e far an robh a màthair an la ud air son fios cinnteach fhaotainn, agus nuair nach aontaicheadh i a phòsadh loisg e oirre da uair, ’ga marbhadh leis an darra urchair. Chaidh e an sin do sheòmar eile, ’s chuir e peilear troimh cheann fhéin. B’ainm dha Croteau, agus do’n nighinn Mathilde Laviguer. Bu Fhrangaich iad le cheile. Tha leabhar-lann ri bhi air a chur air chois ann am Baileshearlot, E. P. I.; chaidh coig ceup dolair fhagail aig a bhaile air son an aobhair sin le fear Uilleam Dodd a chaochail o chionn ghoirid. Tha am Priomhair Mac Fhearchair a tairgse ceud dolair as a phocaid fhein ma ni naodhnar eile ceud an urra thoirt seachad aig an aon am. Cha’n urrainn ni a bhi ann am baile a’s feumaile na cruinneachadh math de leabhraichean a bhios air an toirt ri’n leughadh gu saor do neach sam bith a thig ’gan iarraidh. Tha leabhar-lann an Sidni o chionn a dha no tri mhiosan, agus tha ruith mhor air na leabhraichean na h-uile seachdain. Chaidh Nobha Scotia gu làidir air son bacadh a chur air an stuth laidir—cha robh aon siorrachd nach d’ thug barrachd bhòtaichean air taobh bacaidh. Bha siorrachd Richmond, air a cheud cùnntas, beagan air deireadh, ach ’s ann a bha sin mearachd a rinneadh ann an cùnntas nan bhòtaichean. Cha’n eil roinn an Canada nach d’ thug barrachd mor bhòtaichean air taobh bacaidh, ach Cuibeic a mhain. Thug Cuibeic barrachd mor ’na aghaidh ach a dh’ aindeoin sin tha ann an Canada air fad còrr us da mhile dheug (12,218) a bharrachd air taobh bacaidh. Chaidh buidheann mhor de ’n luchd-bacaidh air beulaobh an luchd-riaghlaidh air an t-seachdain s’a chaidh, a dh’ iarraidh gu ’m biodh lagh bacaidh air a deanamh ’nuair a thigeadh a phàrlamaid cruinn ’sa gheamhradh. Ghabh Laurier agus na ministeirean eile riutha gu suilbhearra, agus gheall iad amharc air a chùis cho fabharrach ’sa dh’ fhaodadh iad. Tha moran a cur air mhanadh nach bi lagh bacaidh air a dheanamh ann an Canada a cheud-treis, ach faodaidh iad sin a bhi air am mealladh ’nam barail. ’Se ’s dòcha nach eil anns a bharail sin, aig moran co-dhiù, ach “aisling caillich air a dùrachd.” Fhuaireadh fear Domhnull MacFhearghais marbh air a chladach ann an Glace Bay ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Thatar a deanamh a mach gun deach a bhàthadh air feadh na h-oidhche. Bha e ag obair anns a mèinn ris an canar a Hub. Tha àireamh na muinntir a phàigh air an t-seachdain so cho beag ’s nach fhiach dhuinn an ainmean a chur anns a phaipeir. Cumaidh sinn iad gus an ath sheachdain, feuch am bi àireamh mhath eile ri ’n cur an clo comhla riutha. Ann an Chatham, N. B., o chionn da sheachdain air ais, fhuaireadh fear d’ am b’ àinm Padruig Murray marbh anns an amhuinn. Chaidh dithis ghillean Frangach a ghlacadh air amhrus gu robh iad coireach ri bhàs. Bha e air an daoraich an latha mu ’n d’ fhuaireadh marbh e. Tha na factoridhean ghlaine ann am Pittsburg, am Pennslyvania, a bha cha mhor gu buileach nan tàmh o chionn còrr us sia miosan, a nise air tòiseachadh ri obair a rithist. Tha mu dheich mile duine a bha diùltadh obrachadh annta, air a dhol air ais, agus tha duil nach bi an corr dragha nam measg an deigh so. Cha ’n eil a bhi seasamh a mach o’n obair a deanamh feum do luchd-obrach ach gle ainneamh. Tha taghadh nan comhairleach seachad; tha dòchas againn gu’n d’ rinn an sluagh roghainn cheart, agus gum bi na siorrichdan air an riaghladh gu glic agus gu ceart fad nan tri bliadhna ri tighinn. Tha coig air fhichead comhairleach ann an siorrachd Cheap Breatunn, agus eatorra uile; tha sinn an dochas gu’n dean iad cùisean na siorrachd a chur ceart, ma tha iad cearr, agus an sin an cumail ceart. Ma ni iad sin, coisnidh iad meas dhaibh féin agus bidh iad ’nam beannachd don duthaich. Feuchadh iad, an ainm an àigh, ri beagan leasachaidh a dheanamh air na ròidean. Thatar aig an àm so, ann an Ontario, ag obair air mòine a dheasachadh air dhòigh ’s gu’m bi i a cheart cho math air son teine ris a ghual, Cha’n eil aon mhèinn ghuail ann an Ontario, ach tha moran mòine ann, agus ma theid aca air mòine a dheanadh co math ri gual, ni e feum mor do mhuinntir na roinne sin, agus dh’ fhaoidte gu’n dean e call a chur air muinntir Nobha Scotia ’s Cheap Breatunn. Tha cuideachd ann am Barrie ag obair cheana, agus tha iad a creic na mòine an deigh a deasachadh air an dòigh a dh’ ainmicheadh, o thri dolair gu leith gu ceithir dolair an tunna, agus tha dùil aca a bhi ’ga chreic na ’s saoire na sin an ùine ghoirid. A reir coltais cha’n eil an obair-iaruinn marbh fhathast; ’s ann a tha daoine dhe ’n bharail nach fhada gus am bi i na’s fhearr na bha i riamh. Thatar aig an àm so a ruith an fhearainn faisg air a bhaile so, agus tha iad ag radh nach eil ni a’s cinntiche na gu bheil an obair ri bhi air a cur air adhart a dh’ aithghearr aona chuid ann an Sidni no an Louisburg. Tha Mr. H. M. Whitney anns a chuideachd a tha gu bhi rithe. Tha anns an ainm mar an ceudna gu bheil cuideachd làidir ’ga cur air chois ann am Breatunn air son tòiseachadh air togail shoithichean ann an darra h-àite dhiubh sin. Tha fios nach bi a h-uile sgeul a thig fior, ach ma tha eadhon pairt dhiubh so fior, tha timeannan matha a dh’ fheitheamh air an eilean so. POSAIDHEAN. Ann a Hogomagh, air an treas latha, leis an Urr. A. Ros, I. D. Friseal, Ceap Mabou, ri Cairistiona Chamaran, Loch Liobhain. Aig Sandfield, Mira, air an naodhamh latha dhe’n mhios so, leis an Urr. I. F. Forbeis, Seumas Peutan, Sidni, ri Ceit Dhomhnullach, Sandfield. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. Nov. 4, ’98. tf REULTAIREACHD. INNSEAR T’ FHORTAN, agus an obair no ’n gnothuch a’s freagarraiche dhut a bhi ris, air son 25 sentichean. Leughadh cinnteach a reir nan reul air a thoirt do gach neach. Innis am do bhreith. “ASTROLOGER,” Box 70, Sydney, C. B. Am bheil thu air son a’ Ghàidhlig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 134] [Vol. 7. No. 17. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 131.) àite cho cumhang ’sa bha e riamh—eadar Anna s’a phiob. Rinn e ùrnuigh ghoirid, dhùrachdach, a dh’ iarraidh còir air an te do ’n d’ thug e gràdh—gun a bhi aige ri sgur de ’n tombaca. An sin thubhairt e: “Anna ’ghaol, an gabh thu idir mi?” “Cha ghabh,” ars ise, “cha ’n urrainn mi.” Air ball chualas guth fann am muigh aig an dorus ag radh, “Gabh! gabh!” Dh’ aithnich i gur e guth a h-athar a bh’ ann, ged a bha e marbh bho chionn iomadh bliadhna, agus thug sin oirre gu ’n do ghabh i Domhnull. Sin agad an naigheachd facal air an fhacal mar a dh’ innis màthair Dhomhnuill dhòmhsa ì. Bha ise làn chreidsinn gur e athair Anna ’labhair an guth iongantach ud. Tha moran atharrachaidh bharailean mun ghnothuch ann an so. Tha cuid ag radh gur h-i chomhachag no ’n sionnach a bh’ ann; cuid eile gu ’m bheil Domhnull na ventriloquist, no gun do thuarasdalaich e neach eigin air son an guth a dheanamh aig an dorus aig an àm cheart. Chuala mi aon òganach sgathach ag radh ma ’s e athair Anna a labhair gun do thog iad cearr an ni a thubhairt e; nach e “Gabh! gabh!” a thubhairt e idir, ach “Gabh gad!” Theagamh gun robh fuath aig an fhear sin do Dhomhnull no gu ’n robh sùil aige fhein ann an Anna. Bitheadh a bharail fhéin aig gach leughadair mun chùis. Co-dhiu leis na h-uile ni a bh’ ann fhuair Domhnull Anna. Tha iad a nise pòsda ’s cho toilichte, measail air a cheile ri caraid ’san dùthaich. Tha gach neach do ’n aithne iad a guidhe iomadh latha sona dhaibh. Tha dòchas agam gun toir an sgeula beag so rabhadh do ghillean òga na dùthcha an tombaca a sheachnadh, ma tha iad air son bean fhaotainn gun dragh a chur air na mairbh. AN T-EILEANACH. CEILIDH NAN GAIDHEAL. Riaghailtean. I.—Ainm a’ Chomuinn “CEILIDH NAN GAIDHEAL.” II.—’S e prìomh Obair a’ Chomuinn a bhi ’brosnachadh a chéile gu bhi ’rannsachadh cùisean a bhuineas do Chànain, Litreachas, agus Cleachdaidhean nan Gàidheal, agus gu sonruichte, a bhi ’toirt cothruim do mhuinntir gu bhi ’labhairt anns a’ Ghàidhlig. III.—Coinnichidh an Comunn air gach feasgar Di-sathuirne, aig leth-uair an déigh seachd gu leth-uair an deigh naoi, ann an Talla na h-Aithne, bho ’n cheud Di-sathuirne de ’n mhios mu dheireadh de ’n Fhoghar gus an Di-sathuirne mu dheireadh de ’n mhios Mhàirt. IV.—Fosgailear agus dùinear gach Coinneamh le ùirnigh; agus ’s i a’ Ghàidhlig a bhitheas air a labhairt aig gach Coinnimh. V.—Bithidh an Comunn fosgailt do gach neach leis an ionmhuinn prìomh obair a’ Chomuinn, air do na fir dà thastan, agus na mnathan aon tastan ’s a’ bhliadhna a phàigheadh. Cha bhi cìs eile air iarraidh orra, ach faodaidh iad an Comunn a chuideachadh a réir an toile. VI.—Bithidh Luchd-riaghlaidh a’ Chomuinn air an deanamh suas de Cheann-suidhe Urramach, Ceann-suidhe, Iar Cheann-suidhe, Rùnair, Cléireach Iomraidh, Ionmhasair, Bàrd, agus Comhairle anns am bi fichead ball, no ni ’s lugha, a réir mar a roghnaichear aig a’ Choinnimh bhliadhnail. VII.—’S e dleasnas an Rùnair sgriobhaidhean a’ Chomuinn a dheanamh; agus gabhaidh an t-Ionmhasair curam de dh’ airgiod a’ Chomuinn, a réir stiùiridh na Comhairle; agus feumaidh iad obair a’ Chomuinn aithris ann an sgriobhadh aig a’ Choinnimh bhliadhnail, air an Di-sathuirne mu dheireadh de ’n mhios Mhàirt. VIII.—1. Bithidh e laghail Buill urramach a dheanamh dhiubhsan a dhearbhas an deagh run do phrìomh obair a’ Chomuinn. 2. Feumaidh gach neach a choimhlionas na cumhnantan so a bhi air ’ainmeachadh aig a’ Choinnimh bhliadhnail; agus air dhoibh a bhi air an roghnachadh leis a’ mhor-earann, theid na h-ainmean aca ’chur air a’ chlàr-eagair, ré na h-uine e cheadaicheas a’ Chomhairle. IX.—1. Ceadaichear leth-uair do dh’ fhear leughaidh oraide, cuig mionaidean do gach fear labhairt a leanas, agus, an déigh do ’n Cheann-suidhe labhairt, cuig mionaidean do ’n fhear oraide arson freagairt. 2. Ceadaichear cuig mionaidean deug do gach priomh fhear deasbaireachd, cuig mionaidean do gach fear labhairt a leanas, agus ’n an deigh uile, cuig mionaidean do gach priomh fhear deasbaireachd, a chum freagairt. 3. Gabhar guth-taghaidh aig deireadh deasbaireachd. 4. Mar urrainn do’n fhear oraide no do phriomh fhear deasbaireachd teachd air aghart aig an àm shuidhichte, feumaidh iad fios a thoirt do ’n Runair seachd là roimh ’n àm. X.—Cha ’n urrainn na Riaghailtean so a bhi air an atharrachadh gun fios a thoirt do ’n Chomunn mios roimh ’n àm, agus feumaidh an t-atharrachadh a bhi air a thoirt seachad ann an sgriobhadh do ’n Runair. LACHUNN LIATH. ’Nuair bha mise òg b’ àbhaist do sheann duine còir ris an abradh iad Lachunn Liath tighinn mu ’n cuairt a shearmonachadh. Bhuineadh Lachunn do na Baistich, ach bha daoine de gach aidmheil toigheach air, oir bha e fuasach blàth-chridheach, làn gràis agus gràidh. Theagamh gun abradh daoine an diugh nach robh moran fòghlum aig Lachunn còir. Cha ’n ’eil mise ’g radh gun robh, ach bha e glé gheur na chainnt. Latha bha sin bha e leughadh mu bhreith Chriosd. agus ’nuair a thàinig e dh’ ionnsaidh an rann tha ’g ràdh, “Cha robh àite dha anns an tigh-òsd’,” stad e, agus thuirt e, “A chàirdean ’s mor m’ eagal nach eil àite dha anns an tigh-òsd’ fhathast.” Bha e latha eile a leughadh mu ’n bhantraich bhochd a chuir an fheòrlainn anns an ionmhas, agus a mhol Iosa a chionn gu ’n d’ rinn i na b’ urrainn i, agus stad e—“A chàirdean cuimhnichibh gu bheil Iosa na sheasamh thairis air an ionmhas an diugh mar a bha e an latha ud, agus tha e a faicinn cuid a rùrach ’n am pòca air son bonn trì sgillinn ’nuair tha iad murrach gu leoir air sè-sgillinn na tasdan a thoirt seachad. Chunnaic e ’n spiocaire a chaidh a dh’ iarraidh mùthadh sgillinn an raoir, a chuir na chomas am bonn truaillidh, bochd sin bonn-a-sè a chuir anns an ionmhas an aite sgillinn.” Bha Lachunn mion-eolach air laoidhean Dhùghaill Buchanain, agus Phàra Ghrannda, agus laoidheadairean eile, agus rachadh aige air rann aithris an sud ’s an so na shearmoin, a bha fuasach freagarrach. Bha e latha bha sin a searmonachadh air a’ bhlàr-a-mach ’nuair a chualas spreadhadh tairneanach. Bha e aig an àm a bruidhinn mu neart agus cumhachd Dhé, agus a gabhail anail gus an robh an spreadhadh seachad, ars’ esan—“Ann am facail Dhùghail chòir”— “Tha mìle tairneanach na làimh A chum a nàimhde sgrios am feirg, Is fonn-chrith orr’ gu dol an greim Mar choin air éill ri àm na seilg. “Tha ’m bogha frois mu’n cuairt da cheann, ’S mar thuil nan gleann tha fuaim a ghuth; ’S mar dhealanach tha sealladh ’shùl A’ spùtadh as na neulaibh tiugh.” F. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. Sidni, C. B., Nov. 1, ’98. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. [TD 135] [Vol. 7. No. 17. p. 7] GLEANN-COMHANN. LE DONULL MAC CALUM. Bha’n oidhche garbh le sneachd ’us stoirm, Tric geal mar là le lasair ghorm, Ri còmhradh ciùin, ’s an t-sean thigh-òsd’, Bha saighdair aosd ’us cìobair òg; “Tha’n sin,” deir an saighdair aosd, “A chluinnear leam am fead na gaoith, Le dùsgadh oidhch’ a bh’ ann o chian, A fàsgadh m’ anam bochd le pian, Siod glaodh a’ mhìllteir, àrd o’n ghàir, Tha ’g éiridh suas, gun fhois gun tàmh, Siod osn’ an òig-fhir dol gu eug Siod gul nam ban, a caoidh na dhéigh, ’S och! o’n a fhuair mi cuid ’s an àr, M’am faigh mi sith gheibh mìle bàs.” “Nach innis,” deir an cìobair òg, “Thu, nis, mu chreach na h-oidhch’ ud dh’omh-’s; ’Si oidhch’ mar sin, gu dearbh, is stéidh Do’n h-uile ni th’ air m’ aigne féin, An oidhch’ a dh’fhàg am thruaghan mi, Is anns an t-sneachd mo chuideachd sìnnt’, An oidhch’ a bhios air cuimhn’ an t-saoghal, Cho fhad ’s a thogas fuilteachd gaoir.” An saighdair aosd thug freagairt dha— “’Si’n oidhch’ ill’ òig air m’ aire ta An oidhche fhuair sinn aoidheachd fhial ’S le sluagh Ghlinn-Comhain dh’ ith sinn biadh, An oidhch’ a mharbh sinn iad gun truas, ’S a dh’ fhàg sinn iad ’s na cuithean fuar.” “Car son na’s fhaide bhios tu beò?” Ris dh’ eugh, le feirg, an cìobair òg. “Mar marbh mi thu am bi mi saor, Gun dol, an déigh a bhàis, gu’m dhaoin, ’S an fheasgar leis an d’ ith sibh biadh, ’S aig meadhon oidhch’ do’n d’ thug sibh sgian?” “Nis innsidh mi dhuit, fhir mo ghaoil,” Deir gu ciùin an saighdair aosd, “Car-son, le cogais réidh, ni thu Mo leigil sìos, le sìth, do’n ùir— ’S an oidhch’ ud, ’n uair bha chasgraidh deant’, ’S o ghleann a bhàis bha sinn a trial, Bha bean, air pàisd bha gal, cuir tàmh; G’a chluinntinn, deir an triath rium féin— ‘Ma’s mac tha siod, cuir stad air eugh.” Chaidh mise suas; ’se mac a bh’ ann, Le cheil, thug mi e saor o’n lann.” Aig cluinntin siod an crobair òg Na bhroilleach ghabh an saighdair, ’s phòg Na billean shaor a bheatha dha, ’S a bheannaich tric, na bròn, a mhàth’r. Tha a cheud chaibideil dhe’n sgeul, “Mar a rinn mi m’ fhortan,” a tòiseachadh anns an àireamh so. Is sgeul eireachdail i, agus bu chòir do gach aon a leughadh. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. Am Feillire. NOBHEMBER, 1898. 1 Di-mairt An t-Samhuinn. 2 Di-ciaduin Latha nam marbh. 3 Dior-daoin 4 Di-haoine Tighinn Uilleam III. do Bhreatunn, 1688 5 Di-satharna 6 DI-DONAICH 22 Donaich na Trianaid. 7 Di-luain (6) Pòsadh Fionnghall Dhomhnullach, 1750 8 Di-mairt 9 Di-ciaduin Glacadh Montreal, 1775 10 Dior-daoin Breith Mhartin Luther, 1483 11 Di-haoine 12 Di-satharna (13) Blar Sliamh an t-Siorra, 1715 13 DI-DONAICH 23 Donaich na Trianaid 14 Di-luain Bas Chaluim Cheann-mhor, 1093 15 Di-mairt 16 Di-ciaduin Bas Ban-righ Mairearad 1093 17 Dior-daoin 18 Di-haoine 19 Di-satharna Breith Tearlach I., 1601 20 DI-DONAICH 24 Donaich na Trianaid 21 Di-luain Bas Sheumais Hogg, 1835. 22 Di-mairt Bas Morair Chlive, 1774 23 Di-ciaduin 24 Dior-daoin Bas Iain Knox, 1572 25 Di-haoine 26 Di-satharna 27 DI-DONAICH Donaich na h-Adveint 28 Di-luain 29 Di-mairt 30 Di-ciaduin An Fhéill Anndrais MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 10, M. 14 M An Solus Ur, L. 14, U. 8, M. 9 F A’ Cheud Chairteal L. 20, U. 0, M. 51 F An Solus Lan, L. 28, U. 0, M. 25 M DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 136] [Vol. 7. No. 17. p. 8] Am Breacan Uallach. LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR. FONN.— He ’n clo-dubh, Ho ’n clo-dubh, He ’n clo-dubh, B’ fhearrr an breacan. B’ fhèarr am breacan uallach, Mu m’ ghuailnean ’s a chur fo m’ achlais, Na ged a gheobhainn còta De ’n chlò is fhèarr thig á Sasunn. Mo laochan fhéin an t-éideadh, A dh’ fhéumadh an crios g’ a ghlasadh; Cuaicheineachadh féilidh, ’N déis éirigh gu dol air astar. Fhéilidh chruinn nan cuaichein, Gur buadhail an t-earradh gaisgich; Shiubhlainn leat na fuarain, Feadh fhuar-bheann, ’s bu ghasd ’air faich thu. Fìor chulaidh an t-saighdeir, ’S neo-ghloiceil ri uchd na caisneachd; ’S ciatach ’s an advance thu, Fo shrannraich nam piob ’s nam bratach. Cha mhios’ anns an dol sìos thu, ’N uair sgrìobair, á duille, claiseach; Fìor earradh na ruaige, Gu luas a chur anns na casan. Bu mhath gu sealg an fhéidh thu, ’N àm éirigh do’n ghréin air chreachunn; ’S dh’ fhalbhainn leat gu lòghmhor, Didònuich a dol do’n chlachan. Laidhinn leat gu ciorbail, ’S mar earbaig gu ’m briosgainn grad leat; Na b’ ullaimhe air m’ armachd, Na dearganach ’s musgaid ghlagach. ’N àm coilich a bhi dùrdan, Air stùcan am maduinn-dhealta, Bu ghasda d’ fhéum ’s a’ chùis sin, Seach mùtan de thrusdar casaig. Shiùbhlainn leat a phòsadh, ’S bhàrr feòirnein cha fhroisinn dealta; B’ i sid an t-suanach bhòidheach,— An òg-bhean bu mhòr a tlachd dh’i. B’ aigeannach ’s a’ choill thu, ’G am choibhreadh le d’ bhlàs ’s le d’ fhasgadh; Bho chathadh a’s bho chrìon-chur, Gu ’n dìonadh tu mi ri frasachd. Air uachdar gur a sgiamhach, A laidheadh an sgiath air a breacadh; ’S claidheamh air crios ciatach, Air fhiaradh os cionn do phleatan. ’S deas a thigeadh cuilbheir, Gu suilbhearra leat fo ’n asgail; ’S a dh’ aindeoin uisge ’s urchaid, No tuilbhéum, gu ’m biodh air fasgadh. Bu ro mhath anns an oidhch’ thu— Mo loinn thu mar aodach-leapn; B’ fhèarr leam na ’m brat-lìn thu, Is prìseil mhin’ tha ’n Glaschu. ’S baganta, grìnn, bòidheach, Air bainis a’s air mòd am breacan; Suas am féileadh-sguaibe, ’S dealg-ghuailne ag cur air fasdaidh. Bu mhath an là ’s an oidhch’ thu, Bha loinn ort am beinn ’s an cladach; Bu mhath am feachd ’s an sith thu— Cha rìgh am fear a chuir ás dhut. Shaoil leis gu’n do mhaolaich so Faobhar nan Gàidheal tapaidh; Ach ’s ann a chuir e géir’ orr’, Na ’s béurra na déud na h-ealtainn’. Dh’ fhàg e iad làn mi-rùin, Cho cìocrasach ri coin acrach; Cha chaisg deoch an ìotadh, Ge b’ fhìon i, ach fìr fhuil Shasunn. Ged spìon sibh an crìdh’ asainn, ’S ar broillichean sìos a shracadh; Cha toir sibh asainn Tèarlach, Gu bràch gus an téid ar tachdadh. Ri ’r n-anam tha e fuaighte, Teann luaidhte cho cruaidh ri glasan; ’S bhuainn cha’n fhaodar fhuasgladh, Gu’m buainear am fear ud asainn. Cleas na mnatha-siubhla Gheobh tùilinn mu ’m beir i h-aisead; An ionad a bhi ’n diùmb ris, Gu ’n dùbail d’ a fear a lasan. Ged chuir sibh oirnne buarach Thiugh, luadhte, gu ’r falbh a bhacadh; Ruithidh sinn cho luath, A’s na ’s buaine na féidh a’ ghlasraich. Tha sinn ’s an t-sean-nàdur, A bhà sinn romh àm an achda; Am pearsanna ’s an ìnntinn,— ’S ’n ar rìoghalachd, cha téid lagadh. ’S i ’n fhuil bha ’n cuisl’ ar sìnnsridh, ’S an ìnsgin a bha ’n an aigne; A dh’ fhàg dhuinne mar dhìlib— Bhi rìoghail—O, ’s sin ar paidir! Mollachd air gach seòrsa, Nach deònaicheadh fòs falbh leatsa; Cia dhiu bhiodh aca còmhdach, No còmhruisgte, lom gu ’n craicinn. Mo chion an t-òg feardha, Thar fairge chaidh bhuainn air astar; Dùrachd blàth do dhùthcha, ’S an ùrnaigh gu’n lean do phearsa. Ged fhuair sibh làmh an uachdar, Aon uair oirnn le seòrsa tapaig’; An donus blàr ri bheò-san, Ni ’m Feòladair tuilleadh tapaidh. Tha an t-Urr. Ian Calder air a shuidheachadh mar mhinisteir air coithional St. Peter’s. Bha e air a phòsadh ris an eaglais sin Di-màirt s’a chaidh. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 137] [Vol. 7. No. 18. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 25, 1898. NO. 18. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. II. AN SGOIL—SUIL RI DILEAB. Cha robh mi ach glé òg an uair a chuireadh do ’n sgoil mi; ach bu bheag feuma bha ’n teagasg a bha mi fhein agus na bha comhladh rium innte a’ deanamh dhuinn. Cha robh rian no òrdugh air a chumail anns an sgoil latha deug ’s a’ bhliadhna. Cha robh mor-fhoghlum sam bith aig a’ mhaighstir sgoile, agus am beagan a bh’ aige, b’ fhearr leis a chumail aige fhein na thoirt do na sgoilearan. Is ann a bha ’n aire aige air tuathanachas. Chuireadh e na sgoilearan a bhualadh do ’n t-sabhal, no a ghnìomhadh na cruaiche mònadh, ar neo a ruamhar anns a’ ghàradh an uair bu chòir dhaibh a bhith aig an leasan. Mar bu trice, bhiodh tuilleadh ’s a’ chòir dhe ar toil fhein againn; ach an uair a ghabhadh am maighstir sgoile an fhearg, gheibheamaid gabhail oirnn gu math ’s gu ro mhath, mur biomaid cho umhail dha ’s a bhiodh an luch fo spògan a’ chait. Ged a chuireamaid fuaim cearr air na facail b’ ainneamh leis ar cronachadh, agus o ’n a bha ’chùis mar so, lean mòran ruinn dhe ’n droch ionnsachadh a thog sinn anns an sgoil aige. Rinn an dòigh mhi-chùramach anns an robh e ’g ar teagasg dolaidh mhòr dhomhsa co dhiubh; oir bha mi iomadh bliadhna ’cur fuaim cearr air mòran fhacail. An uair a dh’ fhalbh e as an dùthaich cha b’e na b’ fhearr a thainig ’na àite. Bha e pailt cho suarach mu na sgoilearan ris an fhear a bh’ againn roimhe. Bha cùisean a’ dol air aghart mar so o bhliadhna gu bliadhna. Cha bhiomaid anns an sgoil ach gann leith na bliadhna. An àm an earraich agus an àm na buana bhiodh gach duine aig obair a b’ urrainn obair a dheanamh. An fheadhainn nach deanadh buain no ceangal, dheanadh iad buachailleachd. Agus gu cinnteach ceart b’ i a’ bhuachailleachd an obair bu lugha orm a fhuair mi riamh ri dheanamh. A dh’ aindeoin cho faicleach ’s gu ’m bithinn, rachadh an crodh uair is uair do ’n arbhar. Agus bu shuarach an call a dheanadh iad annn an arbhar gun bhuain seach an call a dheanadh iad anns na h-adagan. Mar a bha nàdarra gu leòr, gheibhinn mo chàineadh air son na domail a dheanadh an crodh anns na h-adagan. B’ fhearr leam a bhith anns an sgoil na bhith buachailleachd. Mu dheireadh an uair a thuig mo phàrantan nach robh mi ’deanamh aghartais a b’ fhiach anns an sgoil, chum iad aisde mi. Ach bha car de thoil agam fhein a bhith ’g ionnsachadh, agus bhithinn a’ gabhail a h-uile cothrom a gheibhinn air a bhith ’leughadh nan leabhraichean a bh’ agam, agus a’ cunntais. An uair a chunnaic mo phàrantan cho dìchiollach ’s a bha mi, chuir iad rompa gu ’n cuireadh iad mi do ’n sgoil mhath a bha air taobh eile na dùthchadh. Bha mi dà bhliadhna anns an sgoil so, agus thàinig mi air m’ aghart cho math anns an ùine sin ’s gu ’n robh iomadh neach ag ràdh rium gu ’n robh mi ionnsaichte gu leòr. Ach bha mi fhein a dh’ atharrachadh barail; oir thug na fhuair mi de dh’ ionnsachadh anns an dà bhliadhna orm a thuigsinn gu ’n robh mi ann am feum mòran a bharrachd air na bh’ agam. Ach bha mo phàrantan a’ creidsinn gu ’n robh mi foghluimte gu leòr, agus gu ’m faodainn mo rathad a dheanamh ann an àite sam bith leis na bh’ agam a dh’ fhoghlum. Chuir iad rompa gu ’n deanadh iad marsanta dhiom; agus chuir iad a h-uile sgillinn a chuir iad riamh ma seach ann am bathar dhomh. Ach mu ’n d’ thainig ceann dà bhliadhna thuig iad fhein agus mi fhein nach robh feum dhomh a bhith srì ri marsantachd. Neo-ar-thaing nach reicinn gu leòr; ach o ’n a bha mi ’toirt seachad a’ bhathair air dàil, cha b’ urrainn domh mo chasan a sheasamh o nach robh mi tapaidh gu leòr gu togail nam fiach. Bha h-uile duine, ach duine ainneamh air air an robh fiachan agam a’ gabhail brath an uilc orm. An uair a rachainn far an robh iad a dh’ iarraidh nam fiach bhiodh ceud leithsgeul aca, agus ghealladh iad mo phàigheadh aig a leithid so ’s a leithid sid a a dh’ àm. Ach tha mise gun mo chuid fhiachan fhaotainn uapa fhathast, agus bithidh. Mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, “An rud a theid air dàil, theid air dearmad.” Bha duine ann an Duneidionn a bh’ ann an dlùth dhàimh rium—mac bhrathar mo sheanamhar. Cha robh e pòsda riamh, agus bha suim mhòr airgid aige. Bha e uair is uair anns a’ Ghàidhealtachd an uair a bha mise gle òg, agus air gach uair dhiubh sin chuir e seachad latha no dhà ’san taigh againn. Bha meas mòr aige ormsa, agus bu ghlé thoigh leis mi ’bhith air a ghlùin. Bhuail e anns a’ cheann aig mo mhàthair gur ann dhiom a dheanadh e dìleabach. Agus an uair a chaidh a’ mharsantachd gu tur ’nam aghaidh smaoinich i fhein agus m’ athair gu ’m bu chòir dhomh a dhol far an robh e gu ruige Baile Dhuneidinn. Bha so uair eiginn mu thoiseach a’ gheamhraidh, agus ghrad thòisich mo mhàthair air deanamh deise chlòth dhomh. Bha deadh dheise agam aig an àm, ach chuir i roimpe gu ’m biodh deise ùr agam o ’n t-snàthaid an àm dhomh bhith ’falbh. Leis an toil a bh’ aice an deise ’bhith gu math thug i ùine mhòr air deanamh a’ chlòth. Is e cothlamadh trom-ghlas a bh’ ann, agus gu cinnteach ceart bha e fior shnasail. B’ e sid an deise chlòth mu dheireadh a rinn i dhomhsa, agus tha mi ’smaointean gur e clòth cho math ’s a rinn i riamh. Nam b’ e an diugh an dé, bha mi air rud dhe ’n chlòth a ghleidheadh mar chuimhneachan oirre. Ach o ’n a bha i cho slàn ’s cho fallain aig an àm cha robh dùil aig duine sam bith gu ’n tigeadh am bàs cho aithghearr oirre. Bha taillear cho math ’s a bha ri fhaighinn, air taobh eile na dùthchadh; agus chaìdh mi a dh’ aon ghnothach far an robh e feuch an deanadh e an deise dhomh, o ’n a bha mi gun dàil gu falbh gu ruige Dun-eidionn. O ’n a bha e ’g a mheas mar urram mi dhol seachad air na taillearan eile, ghrad dh’ aontaich e gu ’n deanadh e an deise dhomh. Bha a bhean anns an éisdeachd an uair a bhruidhinn mi ris, agus thuirt i, “Is ann is fhearr dhut, a Dhomhuill, falbh comhladh ris a’ ghille an diugh fhein. Tha mòran aodaich agad a staigh gun deanamh; agus ged a chuirteadh an t-aodach aigesan g’ ad ionnsuidh, is dòcha nach fhaigh thu cothrom air an deise a dheanamh dha ann an àm. Ann am beul anamoch na h-oidhche bithibh a’ falbh comhladh, agus ruigidh sibh roimh àm cadail.” Dh’ aontaich Domhull Taillear gu’n deanadh e so. Bha mise cho aoibhneach ri mac màthar a bha beò. Ged a bheireadh bean Dhomhuill Thaillear dhomh mart air chluais cha bhithinn a leith cho aoibhneach ’s a bha mi. Thug a’ bhean chòir dhomh biadh; agus gu cinnteach bha feum gu leor agam air; oir bha mi gus mo tholladh leis an acras an deigh dhomh coiseachd troimh ’n mhonadh. Agus o ’n a dh’ fheumar an fhìrinn ’innseadh, cha d’ fhan mi ach gann ri mo bhiadh a ghabhail mu ’n d’ fhalbh mi o ’n taigh leis an fhoghail a bh’ orm mu dheidhinn na deise. Saoilidh mi an diugh gu ’m bu ghòrach an gnothach dhomh a bhith ’na leithid de staid; ach is cinnteach nach robh mi na bu ghòraiche na bhiodh mo leithid eile anns a’ cheart shuidheachadh. Beagan mu ’n deachaidh a’ ghrian fodha dh’ fhalbh mi fhein ’s an taillear le ceum cho sunndach ri dithis ’san dùthaich. Bha ’n taillear sunndach co dhiubh mar a bha a h-uile fear dhe sheorsa; ach cho sunndach ’s gu ’n robh e, chumainnsa ceum air a cheum ris an oidhche ud. Rainig sinn dhachaidh mu àm cadail. Agus bha iminidh gu leòr air m’ athair ’s air mo mhàthair mu m’ dheidhinn, a chionn mi bhith cho fada gun ruidhinn, agus gun dùil sam bith aca gu ’m biodh an taillear comhladh rium. An uair a ghabh sinn biadh ’s a thug an taillear agus m’ athair greis air comhradh, ghabh sinn mu thàmh. Cho luath ’s a dh’ éirich sinn an la-iar-na-mhàireach ghabh an taillear mo thomhas. Ghabh e saothair ris an deise nach do ghabh e ri deise riamh roimpe, no, is dòcha ’na déigh. Mar a theireadh e fhein, “Cha ’n ann air feadh fraoich is feamann a bhios an deise so idir, ach air feadh shràidean bòidheach Bhaile Dhuneidinn.” (Ri leantuinn.) SAOTHAIR NAN GAIDHEAL Anns a Chogadh, air son Saorsa na h-Alba. LE DEARG THULAICH. Choisinn an eachdraidh so an duais a b’ àirde aig a Mhòd Ghàidhealach a bha anns an Oban mios meadhonach an fhoghair s’a chaidh:— Thòisich am buaireas mu chrùn na h-Alba anns a’ bhliadhna mile da cheud ceithir fichead agus deich; nuair thàinig am fathunn gu ’n do chaochail a bhan oighre a mhaighdean Lochlannach ann an Arcaibh. Bha a cheana ceithir bliadhna bho’n a fhuair Alasdair, an treas righ de ’n ainm, a bhas tre chliobadh a thàinig air an each a bha e a’ marcachd air oidhche dhorcha aig Cinnchorn ann an Fiobh. Chaochail na bha de theaghlach aige roimhe fhéin agus cha d’ fhag duine dhiubh sliochd ach an nighean a bha posda air Righ Lochlainn. Dh’ fhag ise an aon phaisde nighinn so a sheòl bho Lòchlann gu tighinn dh’ Albainn ach [TD 138] [Vol. 7. No. 18. p. 2] nach d’ thàinig riamh gu port, is air nach d’ fhuaireas guth tuilleadh dh’ fhios no dh’ fhorfhais ach fathunn gu ’n do chaochail i ann an Arcaibh. B’e a cheisd a nis ann an Albainn: “Co an oighre a bu dlùithe agus a b’ fhearr còir air an rioghachd?” Bha móran ag agradh còir nach fhiach an ainmeachadh oir bha triùir de na h-agarraich a bha ni’s dluithe ann an dàimh do ’n teaghlach rioghail na bha an còrr. B’ iad sin Iain Bailiol Moirear Ghallaobhaidh, Iain Cuimein Moirear Bhàideanaich, agus Raibeart Brus Moirear Annandail. B’e Iain Bailiol, agus Iain Cuimein clann an da pheathar, Diorbhorguil màthar Bhailiol an té bu shine, agus Marsali màthair a Chuimeineich a bha nis òige. B’ i màthair Dhiorbhorguil agus Mharsali a ris Mairearaid an nighinn bu shine aig an Iarla Daibhidh bràthair Righ Uilleim an Leomhann. B’e Iain Bailiol agus Iain Cuimein le sin iar-oghachan an Iarla Daibhidh. Is e an dàimh a bha aig Raibeart Brus riu so agus ris a chrùn gu ’m b’ esan mac Isebail dara nighean an Iarla Daibhibh, agus mar sin gu ’m b’ e ogha an Iarla; agus b’e tagradh Bhruis o ’n a bha esan ’n a ogha gu ’n robh e ni’s fhaisge air a chrùin na bha an dithis eile nach robh ach ’n an iar-oghan ged a bha a sean mhathair san Mairearaid ni’s sine no a mhàthairsa Iseabail. Bha an tagradh so an aghaidh lagh sinnsireachd agus oighreachd ach tha e coltach noch robh an lagh sin air a thuigsinn no air a shochrachadh cho soilleir aig an am sin agus a bha e as déidh sin. Ach bha tagradh eile aig Brus agus tagradh a b’ fhearr. Beagan bhliadhnaichean roimh so mu ’n d’ fhuair Righ Alasdair am bàs thug e féin agus Parlamaid na h-Alba fainear nach robh e mi-choltach gu ’m faodadh an Righ bàs fhaotainn gun oighre fhàgail ’n a dhéidh de a shliochd féin, agus chuir iad an comhairle r’ a chéile de bu chóir agus a b’ fhearr a dheanamh na ’m bitheadh an rioghachd cho mi-shealbhach is gu’n tigeadh leithid a dheuchainn oirre. Is e an co-dhùnadh gus an tainig gur e an ni a b’ fhearr a b’ urrainn daibh a dheanamh a shocrachadh mur bitheadh oighre ann de shliochd righ Alasdair féin, gu’m bitheadh Raibeart Brus, Moirear Annandail air a mheasadh is air a ghabhail mar oighre, agus air a chrùnadh ’n a righ air Albainn. Bha so ’n a thagradh foghainteach air taobh Bhruis ach thainig car ceile anns a’ chùis. Chuir Eideard Righ Shasuinn steach a ghuth a cumail a mach gu ’n robh ard-ughdarras aige féin air Albainn is nach fhaodadh iad righ a thaghadh gun chead uaithsa, agus ghairm e maithean na h-Alba air a bheulaobh fein chum ’s gu’n rannsuicheadh esan a chùis is gu ’n taghadh e righ. Dh’ aontaich na moirearan is na daoine mora dol air beulaobh Eideard leis a chuis oir bha oighreachdan aig cuid dhiubh ann an Sasunn agus bha eagal orra fearg a chuir air an righ. Ach cha do thaitinn so ri sluagh na h-Alba agus chuir iad teachdaireachd dh’ionnsuidh Eideard far an robh è fein agus na h-ard-uaislean cruinn agus chuir iad an aghaidh esan a bhi ag agradh còir air bith air Albainn no a bhi gabhail gnothach air bith ri bheag no mhor a bhuineadh do rioghachd na h-Alba. Cha d’ fhuair an teachdaireachd de fhreagairt ach nach buineadh na nithean a bha iad ag radh idir do’n chùis a bha air a bheulaobh, oir bha Eideard de an bheachd gu’n robh taghadh righ ’n a obair ris nach robh gnothach air bith aig a ’mhór-shluagh, is gur ann aig na moirearan agus na maithean a mhàin bha còir labhairt anns a chùis. Chaidh e air aghaidh mar sin a thoirt breath, agus is e a bhreath a thug e gum b’e Iain Bailiol Moirear Ghallobhaidh an t-oighre dligheach agus gu’r e a’ gheibheadh an rioghachd, ach gu ’m feumadh e géill agus ùmhlachd a thoirt do Righ Shasuinn mar ard righ os a chionn agus os cionn Rioghachd na h-Alba. Dh’ aontaich Bailiol le so agus chrunadh e anns a bhliadhna 1292 aig Scàin far am b’ àbhaist do righrean na h-Alba bhi air an crùnadh cho fad air ais agus a bha iomradh aig daoine. Cha bu luaithe a bha Bailiol air a chrùnadh na thòisich a shluagh air cur ’n a aghaidh; cha bhitheadh iad toilichte le ni a dheanadh e, a chionn gu’n do ghabh e ri righ Shasuinn mar ard-righ air Albainn. Agus bha na h-uile la a’ toirt ni eigin ur a mach gu ’n deanamh ni ’s mi thoilichte leis a chàramh a bha orra. Mar aon ni fhuair iad a mach ge be eucorach a gheibheadh a dhìteadh aig mòd cha robh aige ach a’ chùis a thogail gu righ Shasuinn agus bhitheadh a bhinn air a pilleadh agus an droch fhear air fhuasgladh. Ach mu ’n tàinig ceann tri bliadhna thilg Righ na h-Alba dhe cuing an t-Sasunnaich agus rinn e fein agus a shluagh co-bhoinn ri Righ na Fraing a bha a’ cogadh an aghaidh Shasuinn aig an am, agus chuireadh da fheachd a steach air taobh tuath Shasuinn. Rinn Eideard an sin sìth ris an Fhraing a chum ’s gum bitheadh cothrom aige air leum air Albainn. Thàinig e le a mhor fheachd agus shiubhail e na machraichean; ghlac e caisteilean is daingnichean agus lion e iad le Sasunnaich; chuir e Iain Bailiol as an righ chathair, agus chuir e suas uachdaranan agus riaghladairean air ailghios fhéin. Chaidh aige air so uile a dheanamh oir cha robh ceannard ceart air fhaotainn a bheireadh na h-Albannaich do’n bhlàr; agus is ann a nis a fhuair ìad an claoidheadh is an saruchadh is am buaireadh. Bha fear an sud agus fear an so a call ’fhoidhidinn an drast agus a rithist agus a togail a laimh air Sasunnach; agus bha iad air am misneachadh gu mor le bhi cluinntinn an cliù a bha a briseadh a mach air na h-euchdan a bha ’g an deanamh air na Sasunnaich le Uilleam Uallas, Ridire Ellerslie. Bha esan cho treun ann an pearsa cho gaisgeil ann an cridhe agus cho buadhach ann an cath, is gu’m bu mhi-shealbhach do Shasunnach air bith coinneachadh ris. Thòisich iad air dol ’n am buidheannaibh air a thòir a chum an ceann a thoirt deth, ach is e a bhuaidh a bha riamh air an oidheirp ma bha cinn air an sgathadh gu’r ann air an luchd tòire a bha an call is nach ann air Uallas. Ach le an lionmhoireachd àireimh ghreas iad e cho cruaidh is gu’r ann a chruinnich e feachd anns na machraichean air taobh tuath Uisge Hatha agus gu h-àraidh ann an Abaireadhan. Bha a chliù a cheana air éirigh cho ard is gu ’n robh àireamh na feachd a chruinnich d’ a ionnsuidh agus a lean e air a measadh cho ard ri da fhichead mìle coisiche agus naoi fichead marcach. Anns an fheachd so is i air a cruinneachadh far an robh i, cha’n eil teagamh nach robh mòran Ghaidheil ach cha’n eil cunntas air a thoirt air an àireamh. Is e so am feachd leis an do chuir Uallas an ruaig aig Drochaid Shruithleath air Iarla Shurrey agus feachd Shasuinn a bha air a meas aig leth-cheud mile coisiche agus aon mhile marcach. Air taobh nan Sasunnach anns a bhlàr so bha Ard-Stiubhard na h-Alba agus Iarla an Leàmhanaich le an luchd leanmhuinn, agus theagamh tuilleadh d’ am bu dual a bhi ag cur an aghaidh naimhdean an duthaich. Chuir na h-Albannaich an sin mu dheidhinn na Sasunnaich fhuadachadh as na h-uile daingneach agus baile-dion ann an Albainn agus nuair bha sin deanta leum iad Sasunn fhéin. Tha seanachaidhean Sasunnach ag innse gu ’n tainig seachd Iarlan beo Albainn aig an am so a chreachadh agus a mhilleadh ann an Sasunn. B’ iad Iarlan Bhuchain, Mhonteith, Shrath-éire, an Leàmhanaich Rois, Atholl, agus Mhair agus comhla riutha bha mac Iain Chuimein, Moirear Bhàideanach. Bha Uallas fhein ’n an luirg ris an aon obair goirid nan déidh. Ged a tha e a réir na h-uile coltais fior gu’n deach feachd troimh taobh tuath Shasuinn, tha aobhar air bhi a’ smuaineachadh nach robh na seachd Iarlan uile innte. Thàinig a nis feachd eile a Sasunn agus an uair so chaidh an cath an aghaidh Uallais agus cheannsaicheadh Albainn a ris. Striochd an luchd riaghlaidh uile do Righ Shasuinn agus fhuair iad maitheanas air son mar a dh’ éirich iad le Uallas ’n a aghaidh. Ach air son Uallais cha robh iochd no maitheanas ann a chionn gun robh de dhànachd aige san nach robh ’na Iarla no ’na Mhoirear, is gu ’n d’éirich e féin is gu’n do dhuisg e mor-sluagh na rioghachd an aghaidh Righ Shasuinn. Bha Uallas air a bhrathadh goirid an déidh so le Iarla Mhonteith, agus air a ghlacadh is air a toirt do Lunnainn far an d’ fhuiling e air sgàth na rinn e air son na h-Alba garbh dhioghaltais an Righ Eideard gun iòchd is gun cheartas. Co an nis a dheanadh cobhair air Albainn? Bha seann Mhoirear Annandail marbh. Chaochail e anns a bhliadhna 1295. Is ann a bha a mhac a lean e air caochladh mu’n am so 1305. Fhuair esan tre a mhàthair gu bhi ’n a Iarla air fearann Charraig ann a Siorramachd Air, maille ri bhi ’n a Mhoirear air Annandal. Is e mac an fhir sin aig an robh an inbhe is na h-oighreachdan a nis. Is e Raibeart a b’ ainm dhasan mar ’n ceudna. Bha e air a thogail aig cuirt Righ Shasuinn oir bha Eideard toileach air òganach aig am bitheadh oighreachdan cho farsuinn, a cheangladh cho teann is a ghabhadh ris féin. Ach cha robh moran thoil-inntinn aig Righ Shasuinn dheth oir bha e na ghille gluasadach neo-fhoistinneach air an robh cor iosal na h-Alba a cur mor-dhragh, agus a bha a deanamh nithean a bha a cur amharus air na Sasunnaich. An déidh do ’n t-searrag a bhi ag cur nan cuairt dhi air a bhord aon oidhche toiseach an earraich anns a bhliadhna 1306 leig Righ Eideard a mach briathran a dh’ fheuch gun robh Raibeart Brus an cunnart a bheatha. Chual Iarla Ghloucester caraid do Bhrus na briathran agus is e ’n rathad a ghabh e air sanas a thoirt da air a chunnart, chuir e teachdair ’n a ionnsaidh le da spor eich agus sporan airgid. Nuair chunnaic e na nithean so thuig e gu ’m bu mhithich dha bhi a togail air a Lunnainn. Agus nuair dh’ éirich a mhaduinn cha robh sgeul r’a fhaotainn an cuil no ’n cuilidh an aird no ’n iosal air a Bhrusach òg. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. VIII. Thuirt mi ris barrachd is aon uair, gu’n deanainn rud sam bith a dh’ iarradh e orm. “Bidh agad, ma ta, ri bhith feasgar aig an eaglais a thog a bhan-righ, agus fanaidh tu ann gus an tig cuid eiginn g’ ad iarraidh,” ars’ esan. Bha mi ’gabhail fadachd gu leor gus an tigeadh am feasgar. Aig uair na h-urnuigh fheasgair chaidh mi do’n eaglais, agus dh’ fhan mi innte an deigh do na h-uile duine eile falbh. An ceann beagan uine chunnaic mi bata ’tighinn tarsuinn na h-aimhne, agus a’ gabhail direach thun na h-eaglais. B’ iad na seirbhiseach a bhiodh a’ frithealadh do’n bhan-righ a bha ’g a h-iomradh. Chuir iad aireamh chisteachan a bh’ aca anns a’ bhata a steach do’n eaglais, agus thill iad air an ais, ach am fear a b’ abhaist dhomh fhaicinn a’ falbh an cuideachd na mna uasail, agus a bha ’bruidhinn rium ’s a’ mhadainn. Chunnaic mi a’ bhean uasal mar an ceudna a’ tighinn a steach do’n eaglais. Chaidh mi far an robh i, agus thuirt mi rithe gu’n robh mi deas gus gach ni a dheanamh mar a dh’ ordaicheadh i dhomh. “Cha’n ’eil uine sam bith ri chall,” ars’ ise, agus an uair a dh’ fhosgail i te [TD 139] [Vol. 7. No. 18. p. 3] dhe na cisteachan, dh’iarr i orm a dhol a steach innte, ag radh, “feumar so a dheanamh a chum do beatha fhein agus mo bheatha-sa a dhion o chunnart. Na biodh eagal sam bith ort; cuiridh mi fhein gach cuis an ordugh.” O’n a rinn mi na rinn mi, cha b’ urrainn domh gun a comhairle a ghabhail; agus an uair a chaidh mi steach do’n chiste, ghlas ise i. Gun dail sam bith chuireadh na cisteachan air ais do’n bhata, agus thill an sgiobadh gu leir agus a’ bhean uasal comhladh riutha tarsuinn na h-aimhne, agus rainig iad luchairt na ban-righ. Anns a’ cheart am bha mise ann an trom-smaointean mu ’n chunnart anns an do chuir mi mi-fhein; agus rinn mi iomadh urnuigh agus thug mi iomadh boid; ach cha deanadh urnuighean is boidean feum sam bith aig an am—bha e tuilleadh is anamoch. Thugadh na cisteachan do sheomar an t-seirbhisich a bhiodh a’ gleidheadh iuchraichean luchairt nam mnathan, agus cha’n fhaodadh e ni sam bith a leigeadh a steach do na seomraichean gun fhios a bhith aige ciod a bhiodh ann. Bha e anns an am air a dhol a laidhe, agus an uair a dh’ iarradh air eirigh gus na cisteachan a leigeadh a steach, bha fearg gu leor air, agus thug e achasan searbh do’n mhnaoi uasail a chionn i bhith cho anamoch gun tighinn dhachaidh. “Cha ’n fhaigh thu as mo lamhan-sa cho luath ’s a tha thu ’n duil. Rannsaichidh mise a h-uile te dhe na cisteachan an ceart uair.” Anns a’ mhionad dh’ ordaich e na cisteachan a bhith air am fosgladh ’na lathair. B’ i a chiste anns an robh mise a’ cheud te a dh’ iarr e air an t-seirbhiseach fhosgladh. Chuir so an cridhe air chrith agam leis an eagal. Chuir a’ bhean uasal am muigh ’s am mach an aghaidh a’ chiste so fhosgladh idir. “Tha fhios agad gle mhath,” ars’ ise, “nach eil mise ’toirt ni sam bith an so ach ni air am bheil feum aig Sobaide, ar banamhaighstir le cheile. Tha ’chiste so lan de bhathar luachmhor a cheannaich mise o mharsantan a tha air ur-thighinn a Mecca; agus tha aireamh bhotul innte a tha lan dhe’n uisge a bh’ anns an tobar a nochd an t-aingeal do Hagar anns an fhasach. Ma thachras gu’m bristear a h-aon dhiubh bidh na h-aodaichean air am milleadh, agus bidh a’ choire gu leir mu d’ cheann-sa. Theid mise an urras dhut gu’m bi Sobaide gle diumbach dhiot.” An uair a chuala e so cha d’ fhosgail e a h-aon dhe na cisteachan. Thuirt e le feirg, “Togaibh air falbh as mo shealladh iad.” Thugadh na cisteachan a steach do sheomar nam mnathan. Ach mu’n gann a thugadh a steach iad, chuala mi na seirbhisich ag radh, “Tha’n righ a’ tighinn! tha’n righ a tighinn!” Chuir so a leithid a dh’ eagal orm ’s gu’m bheil ioghnadh orm fhathast nach deachaidh mi a cochull mo chridhe leis an eagal anns a’ mhionaid. “Ciod a th’ agad anns na cisteachan so?” ars esan, ris a’ mhnaoi uasail. “Tha aodaichean luachmhor annta,” ars’ ise, “a dh’ ordaich a’ bhan-righ a thoirt an so a chum gu’n taghadh i asda an seorsa a b’ fhearr a chordadh rithe.” Mar leithsgeul, bha i ’cumail am mach gur e aodaichean bhan a bh’ann agus nach bu choir am fosgladh gus am biodh a’ bhan-righ fhein an lathair. “Tha mise ag radh, gu’m feumar na cisteachan fhosgladh ’s a’ mhionaid,” ars’ an righ, tha toil agam na h aodaichean fhaicinn agus feumar an sealltainn dhomh.” Bha ise a’ sior radh ris, gu’n robh eagal oirre gu’m biodh fearg air a’ bhan-righ rithe nam fosgladh i na cisteachan. “Cha bhi, cha bhi,” ars’ an righ, theid mi fhein an urras nach cuir i coire sam bith ort. So, so, grad fhosgail iad, agus na bi ’g am chumail an so na ’s fhaide.” Dh’ fheumteadh air a h-uile cor a bhith umhail do’n righ, agus chuir so an t-eagal ormsa buileach glan. Shuidh an righ anns an t-seomar, agus dh’ ordaich a’ bhean uasal te an deigh te dhe na cisteachan a thoirt ’na lathair. Dh’ fhosgail i iad, agus gus an uine a chur seachad cho math ’s a dh’ fhaodadh i, bha i ’sealltainn dha cho maiseach ’s a bha na h-aodaichean; ach cha deanadh a cuid leithsgeulan is charan feum sam bith. Chuir an righ roimhe gu’m biodh na cisteachan eile air am fosgladh ’na lathair. Mu dheireadh thugadh a chiste anns an robh mise na lathair. Cha robh ise am muigh no ’mach deonach a fosgladh. “So, so, fosgail ì, agus faiceam ciod a th’ innte,” ars’ an righ. Cha robh fhios agam co dhiubh a bha mi beo no marbh an uair a chuala mi so. Bha mi ’g am dheanamh fhein cinnteach nach biodh uair de shaoghal agam. Ach thuirt ise ris, “Cha ’n fhosgail mise a’ chiste so air chor sam bith mur bi a’ bhan-righ an lathair; oir tha nithean innte nach fhaod mise ’shealltainn dhuibh.” “Ceart gu leor,” ars’ an righ, “thugaibh na cisteachan a steach do sheomar na ban-righ.” Rinneadh mar a dh’ ordaich e, agus thainig beagan dhe mo mhisnich ugamsa aon uair eile. An uair a dh’ fhalbh na seirbhisich a thug a steach na cisteachan am mach as an t-seomar, ghrad dh’ fhosgail ise a’ chiste anns an robh mi air mo ghlasadh, agus thuirt i, “Thig am mach, agus gabh suas na staidhreachan a tha ’direadh gu fior mhullach an taighe. Theid thu steach do sheomar a gheibh thu fosgailte, agus fanaidh tu an sin gus an ruig mise thu.” Cha robh mi ach gann shuas anns an t-seomar an uair a thainig an righ a steach do’n t-seomar anns an robh na cisteachan, agus shuidh e air a’ cheart chistidh as an d’ fhalbh mise. Cha robh de ghnothach aige ris a’ mhnaoi uasail ach a chur cheisdean oirre mu thimchioll ciod a chunnaic i anns a’ bhaile. An uair a thug iad greis mhath air comhradh dh’fhalbh e. Cho luath ’s a fhuair i an cothrom thainig i do’n t-seomar anns an robh mise, agus ghuidh i orm a leithsgeul a ghabhail a chionn mar a chuir i a’ leithid a dh’ eagal ’s a dhragh inntinn orm. Thuirt i, “Bha mise fad na h-uine cho neo-fhoiseil riut fhein. Faodaidh tu a chreidsinn gu’m bheil gaol mor agam ort an uair a bheir thu fa near an cunnart anns an do chuir mi mi-fhein air do shaillibh. Is iomadh neach a bhiodh anns an t-suidheachadh ’s an robh mi nach deanadh a chuis cho sgiobalta ’s a rinn mise. Is e an gaol a th’ agam ortsa a thug orm a bhith cho misneachail ’s a bha mi. Ach biodh deagh mhisneach agad tha ’n cunnart a nis seachad.” An deigh dhuinn greis mhath a thoirt air comhradh a bha gle thaitneach leinn le cheile, thuirt i rium gu ’n robh an t-am agam gabhail mu thamh, agus gu’n tugadh i an lathair Sobaide mi uair eiginn am maireach, “oir cha ’n ’eil an righ ’g a faicinn,” ars’ ise, “aig am sam bith ach anns an oidhche.” Thug na briathran a labhair i rium misneach mhath dhomh, agus fhuair mi deadh chadal. An uair ainneamh a dhuisg mi, bha mi ’smaointean air cho fortanach ’s a bha mi an uair a bha mi gus bean uasal mhaiseach, dheadh-chainnteach fhaotainn ri ’posadh. (Ri leantuinn.) BANAIS IAIN BHAIN. “’S mise bha thall ’s a chunnaic; ’s a thainig a nall ’s a dh’ innis.” UISDEAN.—Fàilte stigh! Tha sibh air tilleadh bhar na bainnse, a Ruairidh. RUAIRIDH.—Tha, ma ta, is taing do ’n fhreasdal gu bheil. U.—Seadh, gu dearbh, an ann mar so a tha. ’S ann duilich gum biodh i seachad, is cha b’ ann taingeil, a bhithinn fhein nuair a bhithinn air banais. R.—Bhiodh thu dh’ atharrachidh barail, Uisdean, na ’m bitheadh tu air banais a thigeadh gu bhi na cogadh. U.—Ubh! ubh! an d’ thainig i mar so oirbh? Bha gu leor an obair uamhasach sin a bhi eadar na Spàinntich ’s na Geancaich. R.—Cha ’n eil mi creidsinn gun cuala Spàinnteach riamh a leithid sid. U.—Am freasdal g’ am theasraiginn! tha naigheachd agaibh; feuch an innis sibh dhomh i. R.—Gu ’n deonaicheadh e fein sin, do theasraiginn, agus mise comhla riut, bho a leithid sin. Cha ghuidhinn do m’ nàmhaid a bhi ann. U.—Na bithibh gam chumail am péin. ’S ann dona tha i mur gabh i innseadh. R.—Cha ghabh cainnt cur air; ach bheir mi oidhirp air a thoir ort a thuigsinn ann an tomhas mar a bha. Dh’ fhag sinn so le sgioba gasda, is tagha as rogha a phiobaire, la briagha, grianach. Cha ’n eil reusan guth a ràdh mu ’n dùthaich bhriagha troimh ’n deachaidh sinn, no mu ’n fhàilte chridheil a fhuair sinn ’nuair a rainig sinn. Bhithinn fhéin an dràsda ’sa rithist a cluinntinn am measg na cuideachd nach b’ fhada gu ’n d’ thigeadh an t-sebheree. Cha robh mi ’tuigsinn, ’s bha car de leisg orm fhaoighneachd, gu de a bha anns an t-sebheree. Ach sgeula na creach, cha robh mi fada mar sin ’nuair chualas feadaireachd agus gleodhraich, urchraichean ’gan losgadh, drumaichean ’gam bualadh, dùdaichean ’gan séideadh, is clagaichean is panaichean a glingarsaich am measg a cheile, is iad fhein ’gan cuideachadh le ’n sgòrnanan. O, dhuine! ach gaoir a chnuic ud. Mheantar mi aon uair ri screen na h-uinneig a thogail. ’S ann an sin a bha an sealladh. Plàigh de dhaoine cho tiugh ris an lòcust ’san Eiphit. A mach gun d’ thug muinntir an taighe le bascaid de chookies an cead na cuideachd. ’S mi dhùraichdeadh de Pharis Green a bhi annta na mharbhadh làn pàirce bhuntàta de bhòguisean; ’sa righ! ’s mor gum b’ fhearr leam sgaoth do bhòguisean na iad. Chuala mi nam measg gun robh an deputy sheriff air an ceann. Gu dé th’ agad air ach gun do ghabh mi an t-eagal gum bitheamaid air ur beò-ghlachdadh le lagh na dùthcha ’s air ar sguabadh gu Port Hood a h-uile mac màthar againn, ged nach b’ urrainn mi a smaointeachadh ciod an t-olc a rinn sinn. U.—Thigeadh dhut a bhi taingeil gun teagamh gun d’ fhuair thu dhachaidh. Cha chuala mi fhéin riamh a leithid ann an dùthaich thiorail mar a tha Ceap Breatunn. R.—Stad ort. Cha ’n eil a sid ach beagan dheth. ’Nuair a fhuair ìad na cookies dh’ fhalbh iad gun a bhi glé riaraichte. Tha e coltach, gu mi-fhortanach, nach do bhruidhinn fear na bainnse gle shiobhalta riutha, agus chuir sin an dunach anns a ghnothuch. Dh’ fhalbh iad co dhiubh, is bha sinne gle thaingeil; ach mu uair ’sa mhaduinn ’s sinn na ar suidhe gu socrach ’s gun dùil gun robh na béisdean mar fhaisge mhile dhuinn, loisgeadh urchraichean nach d’ thig ’s nach d’ thainig an leithid. Air leam gun do shrac na speuran os cionn an taìghe. Chriothnaich an tigh, ’sa chuid a bha ’nan suidhe dh’ éirich iad, ’sa chuid a bha ’nan seasamh thuit iad. Cha do dh’ fhuirich dealbh ri balla. Bha cuid dhe na h-igheanan a chaidh a null as a so a chaidh ann an laigse n’ar lamhan. Bha pàirt dhe ’n luchd-frithealaidh a bha tighinn a dh’ ionnsuidh a bhùird le soithichean làn de nithean matha de gach seòrsa, ’s thuit iad as an làmhan ’s chaidh iad na criomagan air an ùrlar. Chaidh pàirt dhe na h-uinneagan a bhristeadh le criothnachadh an tighe. Ma bha aighear is fuaim a muigh bha eagal as fuaim a stigh. Abair nach robh mi ann on Cuba. (Air a leantuinn air taobh 142.) [TD 140] [Vol. 7. No. 18. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, NOBHEMBER 25, 1898. A EILEAN A PHRIONNSA. FHIR MO CHRIDHE,—Bidh aig “Caraid na Gàilig” ri moran sgriùdaidh a dheanamh mas bi na duaisean air an toirt seachad air son nan “ràidhean Gàilig.” Tha mo nàbaidh, agus iomadh fear eile, ag obair gu trang a cur sios air paipear gach ni dhe ’n t-seorsa a chual e riamh agus air a bheil cuimhne aige. Gu ma slàn dha na seòid. ’S iomadh sean radh a bheir iad gu ar cuimhne ’nuair chi sinn na cruinnichean aca. Tha thu toirt iomraidh o àm gu àm air cuid do sheann mhuinntir aig a’ bheil an comhnuidh an Ceap Breatunn. Tha iadsan a fhuair am breth ’s an arach an Alba ’fàs gu maith tearc ’nar measgne anns an sgire so. Bha mi an la roimhe ann a seanachas aon diu—sean bhean, ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Tha mi cur ad ionnsuidh anns an litir so, facal air an fhacal, cuid de ’n chòmhradh a bha eadruinn. “Tha ur cuimhne ’s ur n’ aithne agaibh mar nach olc, a bhean.” “Tha, le ’r cead; tha cuimhne agam cho maith ’s a bh’ agam riamh air nithean a thachair an làithean m’ òige anns an t-seann dùthaich. Dh’ fhàg m’ athair Uige an uair a bha mise mu dha bhliadhna dh’ aois, agus ghabh e fearann ann an Camusdianabhaig, an sgire Phortrigh. Thàinig sia no seachd de theaghlaichean aig an àm ud á Uige gu Camusdianabhaig.” “Carson a dh’ fhag iad Uige?” “Bha gu ’n robh am baile ud na bhaile maith, torrach, agus gu ’n robh an Caiptean Leòdach, aig an robh e air mhàl, ga leigeil dheth. Bha ’n caiptean sean aig an àm ud. Bha dithis nighean aige a bha fuireach leis. ’Nuair leig e dheth am baile cha do chum e dha fhein ach da chrait agus an tigh còmhnaidh a bh’ aige. ’S ann aig Caiptean eile, a bu bhràthair da, a bha ’n t-Olach. Bha iad sud agus Caiptean Somhairle Domhnullach ann an cogadh America. Bha Mac Leòid Dhunbheagain anns a chogadh sin mar an ceudna. Cha ’n eil cuimhne agam air Caiptean Somhairle fhaicinn. Bha e fuireach an Cillemhoire. Bha e iomraiteach air son a mheudachd agus air son a neart. Phòs e na fhior shean aois nighean bhochd a mhuinntir an àite. Bha dithis mhac agus aon nighean aice uaithe. Tha cuimhne mhath agam air Mac Leoid Chamusdianabhaig. Bu mhac bràthar athar dha an Dotair Mac Leoid (an Dotair Bàn) a bha na bhàillidh aig a Mhorair Dhomhnullach ann am Portrigh. ’S ann a mhuinntir Uidhist a bha ’n Dotair; agus, an uair a dh’ fhag e Portrigh chaidh e air ais a dh’ Uidhist. ’Nuair bha sinne tighinn a dh’ America ’s e ’n Dotair Mac Leoid a bha ’na fhear-sgrùdaidh, a faicinn nach robh tinneas ’nar measg. Bu chaoimhneil e! ‘Co leis thu?’ ars esan, rium fhin. ‘Tha,’ arsa mise, ‘le Uisdean Domhnullach, a bha ’na chléireach-eaglais aig Maighstir Colla.’ ‘O, chiall!’ ars esan; ‘’s iomadh spòrs a bh’ agam fhin ’s aig t’ athair an cuideachd a chéile. Bu bhlàth, càirdeil an comunn, esan na chléireach ’s mise ’nam eildeir, aig Maighstir Colla. Siuthad, gabh a stigh! Bheir mi pass dhuitse co-dhiu!’ “Ach tha mi ga ’r cumail. ’S mise mata, le ’r cead, Oighrig, nighean Uisdean Dhomhnullaich. B’e m’ athair agus Maighstir Colla clann a pheathar ’s a bhràthar. Bha e na chléireach-eaglais aig Maighstir Colla fhad ’s bu bheò e. “Cha robh mi ach òg an uair a phòs mi Murchadh Mac Leòid, mac Alasdair Oig, an Camusdianabhaig. Thainig mo chompanach a mach do ’n dùthaich so ’s a bhliadhna 1830, agus thainig ’athair ’s a chuid eile de ’n teaghlach a mach an 1832. Thàinig mise agus a chlann a mach anns a bhliadhna 1840, ’nuair rinn e dachaidh dhuinn; agus tha mi ann a so anns a cheart ionad do ’n d’ thug e mi ’n uair sin. Dh’ eug e bho cheann fhada. “Chiall! nach mise tha sean. Bha mi air mhuinntearas aig ur seanair. Bha Domhnull Beag, bràth’r ur n’ athar, na bhalachan òg an uair sin. Bha mi comhla riu an Loch Thuthairn a deanamh ceilp. “Ghabh Domhnull Beag anns an arm an deigh sud. Bha e ’na shaighdeir anns an Reiseamaid Dhuibh. ’Nuair thainig an réiseamaid á Bermuda gu Charlottetown, fhuair e forladh seachduinn, aig àm na Nollag, gu tighinn a mach gu Brookfield, a dh’ fhaicinn a chàirdean, Alasdair Caimbeul agus a theaghlach. (Tha iad gu math cairdeach dhuibh.) Tha e coltach, ma ta, gu ’n d’ fhuair e fuachd air doigh air choir-eigin. Cha robh e beò ach beagan laithean an deigh dha tilleadh do ’n bhaile. Bha sin dìreach da fhichead bliadhna ’sa sia na Nollag s’a tighinn.” “’S mi tha ’nur comain,” arsa mise, “air son na dh’ innis sibh dhomh. Agus a nis, o’n bha sinn car tacain a labhairt mu ’n tir a dh’ fhag sibh nar deigh ’s nach fhaic sibh tuilleadh, nach iomchaidh a bhi greis eile a còmhradh mu ’n tir mhaith a ta romhaibh ’s a ruigeas sibh an ùine gun bhi fada, ma’s eilthireach sibh a dh’ fhag baile an leir-sgrios.” “’S fhior sin,” ars ise. “’S ann mu ’n tir sin is buanachdaile dhuinn a bhi labhairt gu ’n teagamh, ged air uaireabh a theid an inntinn air ais gu tir agus àm m’ òige.” An deigh tuille còmhraidh dh’ éirich mi gu falbh. “Slan leibh,” ars ise; ’s mi tha gu mor ’nur comain air son tighinn g’ am fhaicinn. Feuch gu ’n tig sibh fathast, gu sònruichte ma chluinneas sibh mi bhi tinn.” Ur caraid, C. C. Strathalba, Nobh, 18, ’98. O’N OLLAMH HENEBRY. Fhuair sinn an litir a leanas o’n Ollamh Henebry, an t-uasal urramach air an d’ thug sinn iomradh o chionn ghoirid mar fhear-teagaisg na Gàilig anns an Oil-thigh Chaitliceach, am baile mor Washington. Ged a tha na facail air an litreachadh air dòigh ris nach eil na Gàidheil Albannach cleachte, cha ’n eil sinn an dùil gu ’m bi e doirbh do neach sam bith dhiubh brigh na litreach a thuigsinn.— A CHARA FHIOR-GHAEDHIL,— Atá áthas mór orm-sa do pháipeur breagh, blasda d’ fhagháil uait-se mar dogheibim gach seachtmhain. Is geall ri uachtar ar mo chroidhe a fheicsint go bh-fuil tu-sa ag deanamh dian-oibre dochum an Ghaedhilge do chothughadh san talmhain nuaidhe. Beannacht Dé ar t’obair, beidh teanga ár sinsir anois aguinn gedh ná beadh Eirionnach beo fé ’n ngréin. Acht a chara ’sa chumainn cad do sgair ó na chéile sinn? nó cad do rigne dá leath don Gaodhaltacht? An fìor nach fìosach duit gur aon chineadh amhain sinn, gur sinne araon na Gaoidhil tar cineadhaibh an domhain, is gur ionann teanga agus fuil agus feoil dùinn? gur linne do h-oileadh sib, gur aguinne atá bhur n-adhbhar maoidhte agus gach nì linne gur libh-se com-maith é? Acht cad do bhris an Ghaodhaltacht? Dá d-tabharthá siolla seachad siar thar d’ ais uait do chìthá gurab iad na Sasanaig do chuir a mugha sinn. Dá bhrigh sin nì dóigh liom gur ceart dùinn beith meallta nios sia, agus a dheimhin agum gur tiugha fuil ár sinsir, atá fós gan a thaosgadh, ’ná an t-uisge i Sruth Maoile atá go fuar ag gluasacht eadrainn. Ni bh-fuil nì ar domhain budh taithniomhaighe liom-sa na Gaidhil na h-Eireann agus na h-Alban do bheith ’na g-comh-Ghaidhlibh arìs amhail do bhiodar anallód. Mise Gaedhil oile. RISTEIRD DE HENEBRE. (Sagart.) An cùigeadh lá deug de mhì na Samhna, agus aois don Tighearna 1898 bliadhna. FACAL A PROVIDENBE. FHIR-DEASACHAIDH CHOIR,—Fhuair sinn dàin Oisein do ’n ghréin; tapadh leat fein a MHIC-TALLA. Chuala mi air a raitinn an t-aobhar air son an robh Oisein mar ainm air a bhàrd a mhaireas fhad ’s a mhaireas bàrdachd. B’e ’n t-aobhar, gu ’n robh bad do chalg an fheidh air Oisein na mala clith aige, no mar a theirte ’s mar a theirear fathast, “ball-dórain.” ’Nuair a chaidh an giullan Ileach a dh’ iarraidh a bròg air a ghriasaiche, cha robh aige gus am pàigheadh ach libin arbhair. Dh’fhoighneachd an griasaiche ciod a b’ fheairde esan libin arbhair? “’S mor an t-iom-fhuasgladh a tha ann,” ars an giullan, “Ni e ’n garbh-bhonnach dhuit féin; ’s an gearra-bhonnach do ’n bhean; an gearra-craosain do ’n chaillich; an garbhan do ’n phrais; an gearra-ghraine do ’n chirc; am prann do ’n ghaodhar; a chatha do ’n ghamhuinn; am moll do ’n each; ’s am fodar do ’n mhart.” AONGHAS MAC AOIDH. Providence, R. I. [TD 141] [Vol. 7. No. 18. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chuireadh fùirneis ur a stigh ann an eaglais Hogamah air an fhoghar so, ni a tha a toirt comhfhurtachd agus toileachadh do’n choithional nach robh aca roimhe so. Thainig triùir dhaoin’ òga mhuinntir Roseburn, faisg air Hogamah, dhachaidh as a Chlondaic o chionn beagan us mios,—Alastair agus Calum Mac Fhionghain, agus Domhnull Mac Neacail. Rinn iad gu math air an cuairt do thir an òir, agus tha rompa dhol ais ais ann air an earrach s’a tighinn. Chuireadh air falbh á Mabou o chionn ghoirid tri cheud deug uan gu ruige Bangor, Maine, agus dùil ri uiread eile chur air tha falbh an ùine gun bhi fada. Thòimhseadh na h-uain eadar ceithir fichead ussia fichead punnd an t-aon. Chuireadh air falbh iad le Lewis McKeen, a tha ri ceannachd aig Drochaid Mhabou. Tha fear Aonghas Dòmhnullach a mhuinntir Shiudaig an deigh da mhile dolair a a thoirt a mach air son goirteachadh a fhuair e ’se a saoirsneachd ann am Brookline, Mass. Chaidh a ghoirteachach le scaffold air an robh e ag obair a thuiteam fodha. Chuir e a chuideachd aig an robh e ag obair ’san lagh air son coig mile dolair, ach cha d’ fhuair e ach an da mhile. Tha e a fuireach ann an Rhode Island. Ged nach fhacas ach gle bheagan sneachda ann an Ceap Breatunn air a gheamhradh so, chunnacas ni nach eil dad na’s taitniche mu ’n àm so ’n bhliadhna, uisge, agus gu leor dheth, a sileadh gach darnach a latha. Tha an t-side anabarrach fliuch o chionn treis a dh’ ùine air ais. Shil frasan a bha gle throm air an t-seachdain so. Anns na roinnean uachdrach thuit còrr us troidh de shneachda mu mheadhon na seachdain s’a chaidh. Shil òirleach no dha anns an eilean so an uair sin cuideachd, ach cha b’ fhada mhair e. Tha seana bhean chòir, bantrach Uilleim Reid, ann an ceann an iar Framboise, a tha ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’ aois, agus a tha cha mhor cho tapaidh ’sa bhi i riamh. Air an fhoghar s’a chaidh, dh’ fhaoidte a faicinn ag obair air a bhuain còmhla ri mac, ogha, agus iar-ogha dhi. Rugadh i ann an aon a dh’ eileanan na Gàidhealtachd agus thainig i mach còmhla ri cuideachd ’n uair a bha i gle òg gu ruige Mira; as a sin chaidh do’n àite ’sa bheil e nise comhnuidh. Bha tri duine deug cloinne aice, ach cha’n eil ach seachdnar dhiubh sin beò an diugh. Tha tri fichead ùs deich ogha aice, agus deich air fhichead iar ogha, agus cha chuir e sgiths sam bith oirre coiseachd a dh’ amhairc gin sam bith dhiubh sin a tha fuireach faisg oirre. Tha i na’s comasaiche air obair latha dheanamh na tha aon de cloinn. Thatar a cur cruaidh ri luchd-reic an stuth làidir anns a bhaile so o chionn mios no còrr air ais, agus chaidh aireamh mhath dhiubh fhaotainn ciontach ’s chuireadh càin orra. Tha sinn a cluinntinn gu bheileas a tòiseachadh orra ann an Sidni Tuath mar an ceudna. Bha làn àm aig muinntir an da bhaile toiseachadh air an lagh a chur an céill, oir bha iad roimhe so, ’nan culaidh-mhagaidh aig muinntir àiteachan eile—lagh aca a bacadh reic deoch làidir, agus deoch laidir, a dh’ aindeoin sin, cho furasda cheannach ri ni sam bith eile rachadh duine dh’ iarraidh. Chuala sinn daoine aig am bu chòir fhios a bhi ag radh gu robh ann an Sidni roimhe so, deich air fhichead tigh-oil, agus ann an Sidni Tuath, tri fichead. Tha sinn an dòchas gu’n dean gach duine aig am bheil meas air lagh agus air ceartas, agus aig am bheil math an t-sluaigh ’nan aire, gach cuideachadh is urrainn dhaibh a dheanamh leothasan a tha air son na taighean-òil a dhùnadh. Gabhaidh sin deanamh math gu leòr ma théid daoine ris a cheart da-rireadh. Chaidh droch ìonnsuidh a thoirt air duin’ og a mhuinntir an International Pier oidhche an taghaidh, ’se coiseachd dhachaidh as a bhaile. Rug ceathrar dhaoine ann an carbad air, agus leum dithis dhiubh a mach ’s thug iad an sas ann, a gabhail air gu dona mu’n do leig iad as e. Tha moran tinneis cimchioll air Hogamah aig an àm so. Chaochail Calum Dòmhnullach aig ceann a deas Loch Ainslie, bean Dhomhnuill Mhic Gilleain, air Mullach Hogamah, agus Alasdair Mac Aonghais, aig Loch Ainslie, o chionn ghoirid, ’s gun ach seachdain eadar gach neach dhiubh. Tha coltas baile a tighinn air Orangedale anns an àm a tha so. A bhàrr air na taighean a thogadh o chionn beagan bhliadhnaichean, tha an Dotair Mac Amhlaidh an deigh tigh mór briagha agus sabhal a thogail, agus tha Dòmhnull Màrtuinn, fear de na muillnearan, a togail stòr mor faisg air cala an rathad iaruinn. Dh’ innis seann duine còir ann an Louisbourg, Mr. G. S. Cook, do uaislean comhairle nan giomach gu’n do ghlac esan aon uair, mu leth cheud bliadhn’ air ais, giomach a bha tri troighean ’s aon òirleach deug gu leth o bhàrr a shròine gu bàrr earbaill, agus a bha naodh puinnd deug air fhichead gu leth a chudthrom! Tha daoine a tha car fiosrach a thaobh nithean dhe’n t-seorsa sin dhe’n bharail gu’m b’e am fear mor sin athair nan giomach uile. Bhuineadh Domhnull Mac Fhearghais, a bha air a bhàthadh ann an Glace Bay air an t-seachdain s’a chaidh, do Phort Morien. Bu mhac e do Chalum Mac Fhearghais a tha fuireach air Long Beach. Bha e ag obair ann am mèinn Victoria gus an deach a dùnadh, ’nuair a thainig e do Ghlace Bay. Chunnacas e mu dheireadh air feasgar Di-màirt an deigh dha tilleadh a Low Point, far an robh e bhòtadh. Dh’ fhag e bean agus sianar chloinne. Bha e ’na dhuine stuama, dichiollach, air an robh meas aig gach neach a chuir eòlas air. O chionn ùine ghoirid air ais rinn an t-Ard Riaghladh riaghailt a bacail do dhaoine giomaich a ghlacadh nach biodh dich òirlich gu leth a dh’ fhad, ach air an t-seachdain s’a chaidh rinn iad riaghailt eile a ceadachadh an glacadh ma bhios iad naodh òirlich gu leth a dh’fhad. Tha comhairle a mach o’n riaghladh o chionn dha no tri sheachdainean air ais a dol mu ’n cuairt na cladaichean anns am bithear ag glacadh ghiomach, a cumail choinneamhan agus a gabhail fianuis dhaoine a tha eòlach air an gnàths. Tha an riaghlaidh deònach air riaghailtean a dheanamh nach cuir call air na h-iasgairean, agus aig an àm cheudna nach leig leis na giomaich a bhi air an sgrios gu buileach, mar a rinneadh ann an iomadh àite eile, agus mar a nithear anns an duthaich so an uine nach bi fada ma leanar air gabhail dhaibh mar a bhatar a deanamh gu ruige so. IADSAN A’ PHAIGH. An t-Urr. D. MacIlle-mhaoil, Mèinn a Tuath. Eachunn G. Mac Aoidh, Bras d’Or Mor. Domhnull Mac Cuthaìs, Bridgeport. Domhnull Mac Gilleain, Mèinn Chaledonia. A. W. Peutan, Loch Lomond. D. Mac-a-Ghobha, an Gut a Deas. Tormod D. Mac Neill, Drochaid Mharion. Coinneach A. Mac Leòid, Framboise. Calum Mac Gill-fhaollain, S. W. Margaree. Cassie C. Dhomhnullach, Grant, South Cove. D. Mac Fhionnlaidh, L’Ardoise Iseal. Eos. Mac Eamuinn, am Beighe ’n Ear. 3m. M. D. Currie, Grand Mira Deas. 3m. Domhnull Mac Calamain, Kinross, E. P. I. Calum Mac Mhannain, Braidalbainn, E. P. I. Ailein Mac Gilleain, Halifacs, N. S. D. McD. Caimbeal, Dartmouth, N. S. 3m. R. I. Grannd, Gleann Chashion, Ont. I. R. Mac Coinnich, Skye P. O., Ont. Alastair Friseal, Dunbheagain, Ont. Calum Deòra, Dunbheagain, Ont. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. Nov. 4, ’98. tf REULTAIREACHD. INNSEAR T’ FHORTAN, agus an obair no ’n gnothuch a’s freagarraiche dhut a bhi ris, air son 25 sentichean. Leughadh cinnteach a reir nan reul air a thoirt do gach neach. Innis am do bhreith. “ASTROLOGER,” Box 70, Sydney, C. B. Am bheil thu air son a’ Ghàidhlig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 142] [Vol. 7. No. 18. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 139.) U.—Ciamar a bha sin a còrdadh ri muinntir an taighe ’san àite? R.—Cha do chur a cheud chuid a bheag air muinntir an tighe, ach an turus mu dheireadh bha iad cho gealtach ruinn fhéin. Ach airson na bha comhla ruinn de mhuinntir an àite cha ’n aithnicheadh tu nach e b’fhearr leo na bhanais. ’Sann a bha iad a bruidhinn air a bhanais fhàgail ’sa dhol còmhla riutha. Ach ma fhuair sinn an latha leinn gu math ’s gun chùram oirnn gum biodh iad a sgriobadh na poite, cha robh an oidhche mar sin. U.—Cha ’n ioghnadh ged a bhiodh cuimhne agaibh greis air. R.—Ged a bhithinn beò gu bhi cho sean ri Metuselah, cha dichuimhnichinn sebheree banais Iain Bhan. UISDEAN. DOMHULL NEONACH ’S NA DAIMH. ’S iomadh naigheachd ait a chluinneas duine ré na bliadhna, na ’n cumadh e cuimhne orra; agus tha feadhainn ann aig a bheil comas mor o nadur, air a h-uile sgeul a chual’ iad riamh aithris facal air an fhacal. Tha iad so na luchd-cuideachd mhath, ’n uair a bheir iad fainear c’aite ’s co ris a tha iad a’ bruidhinn. Ma ta, chuala mi fhein sgeul o chionn ghoirid, agus mu ’n di-chuimhnich mi i, feumaidh mi ’cur gu MAC-TALLA. Anns an t-seann aimsir bhiodh moran naigheachd mu dheighinn Phara Piobair; ach tha Para Piobair againn sa linn-sa, agus tha e na dhuine math ’s na dheadh chosnach—lan onair ’us deadh ghean—fear nach leig seachad latha gun feum math a dheanamh dheth, ma ’s urrainn da. Ach chaill e latha agus a dha dhiubh, ’s cha bheir e orra ’n taobh-sa ’n uaigh. Bhiodh Para ’reamhrachadh dhamh a h-uile geamhradh; agus mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna dh’ fheumadh e coimhead a mach airson beothaichean a cheannach. Chuala e gu ’n robh coig na sia dhaimh aig Domhull Neonach, agus thuirt e ris fhein gu ’m b’e sid a dhuine. Nis, bha Domhull Neonach, fior neonach, a fuireach leis fhein ann am bothan beag taobh a chladaich. Cha leigeadh e duine stigh ach Alasdair—coimhearsnach gasda, fior chridheil a bha fuireach teann air, ris an canadh iad “Cas-aotrom.” ’Nuair a chitheadh e gin eile ’tighinn, rachadh e mach agus sheasadh e taobh a bhothain cho direach ri post. Agus na ’n tachradh e ort air a rathad chumadh e seachad cho samhach ’s cho luath ri tasg. Bha baile aig Domhull, ach cha robh e deanamh mor fheum dheth: cha bhiodh aig’ ach glé bheag feoir a h-uile bliadhna. Bha so a toirt misneach do Phara gu ’m biodh na daimh furasd’ an ceannach, agus dh’ fhalbh e choimhead air. ’Sa chamhanaich bha Para ’sa lair dhonn na siubhal. Co-dhiu, bha ’n lair gu lughmhor a tionndadh nam bonn, agus Para na inntinn a deanamh a bharagain a chuireadh e mu choinneamh Dhomhuill. Ach a Phara “na glaodh gus am bith thu mach as a choille.” Rainig e ’m bothan gruamach, agus mu’n d’fhuair e ’lair dhonn a cheangal bha Domhull a mach mar chu ’gheibheadh breab mun ealachain. Sheas e suas taobh na h-ursainn cho fuaraidh ri buachaille-breige a meadhon achaidh. Thainig Para dluth dha ’s chur e ’n geill a chainnt bu shiobhalt a bha na chomas, ach cha d’ fhuair e freagairt; agus ged a bhiodh e bruidhinn fhathast, cha d’ thigeadh smid á Domhull. Bu bhuidhe leis ma dheireadh tionndadh air falbh; ach cha ruig mi leas innse na smaointean a bha na chridhe, na ghloir a bha ’tighinn o ’theangaidh, fad uair an deigh sin. Ach bha Domhull gu blath taobh a ghealbhain fhein, a cuir smugaid air a chlusan, tha mi cinnteach. Ach chuala Cas-aotrom mar a bha, agus chuir e fios gu Para falbh comhla ris, agus gu ’n ceannaicheadh e na daimh gu h-ealamh. ’Se bh’ ann gu faca Para leus math air an so, agus moch an ath mhaduinn rainig e Alasdair. “Ma gheibh duin’ air an t-saoghal daimh Dhomhuill ’se mise ’fear,” ars Alasdair; ’s a mach a thug iad. Bha Alasdair cho luath ri faileas feannaig, ’s cha b’ urrainn Para cumail ris, ach cha robh so gu cron sam bith; dh’ fheumadh Cas-aotrom agus Domhull Neonach am bargan a dheanamh an diurrais co-dhiu, agus dh’ fhuirich Para aig an rathad mhor. Rainig Alasdair am bothan agus fhuair e stigh. “Am bheil thu gu math an diugh, a Dhomhuill?” “U, tha!” “Mata, thainig mise cheannach nan damh uat, agus suidhich a nis do phris, gheibh thu ’n t-airgead ann a so.” “U, gheibh! U, gheibh! Tha mise ga d’ chreidsinn Alasdair!” “De bhios tu cuir nan ceann, mata, a Dhomhuill? Tha cabhag orm, agus bheir mi leam iad right off.” “Tha fios gu bheil, u, tha fios gu bheil Alasdair. Tha na daimh briagha gu leor.” “’S math sin, a Dhomhuill. Sann do dhuine eile tha iad bhuam, agus tha mi toilichte iad a bhi reamhar, tlachdmhor.” “U, tha! Tha mise gad’ chreidsinn.” Nise, ged ’leanadh Alasdair gu brath, cha ’n fhaigheadh e na b’ fhearr na sin o Dhomhull. B’ fheudar falbh agus an damh a bh’ ann sa bhothan fhagail fo lan fhiasaig a’ ceangal air a bhrògan gu dol a choimhead nan damh a bh’ aig a chladach. Do dheagh charaid, IAN DAN. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. MANAIDHEAN. An diugh chunnaic mi’n searrach ’sa chùl rium, o cheann tuille ’s mìos chunnaic mi ’n t-seilcheag air an lichd luim; ’se sin air a cheum-choise ri taobh an rathaid, mar thigeadh do dh’ fhear coiseachd: Air son na cuathaige, tha e gu math deacair do fhear a bhios sa bhaile mhòr a cluinntin an t-aon chuid le mìr, a bhi no gun bhi na bhroinn. Nam buininns’ anis do ’n t-seann saoghal, agus do na daoinibh gisreagach a dh’ fhalbh, theirinn, mar thuirt Iacob, “Tha na nithe ud uile a’ m’ aghaidh;” no theirinn mar thuirt an Seana Ghael, “’S eagallach mi nach téid a bhliadhna so leam.” Cha’n eil annta sin ach gisreagan agus rabhachan dhaoine saoghalta, agus, feudaidh e bith gu’m faigh iad freagradh saoghalta, d’a réir, ach rabhachan a chreidich, tha iad a mhàin air am faotuinnn ann an geallaibh an t-soisgeil; ’s e sin focal De. Ciod mar bhiodh dùil agamsa gun sealladh comharan saoghalta d’am thaobh, ach mar sheallas an saoghal fein, agus mar sheall e riamh—gu dubharach duaichnidh, mar mhuime choimhich fhuair gun tlus? Do thaobh nithe nàdurra, ’s e sin, ’nuair a sheallas mi air taobh an t-saoghail, c’arson a shaoilinn gu’m biodh iad ni b’ fhàbharraiche do m’ thaobh air a bhliadhna so na bha iad air gach bliadhna a chaidh seachad? ach ’nuair a sheallas mi air taobh Dhe, tha ’fhreasdal caomh, ’sa ghràs ro thròcaireach;—O so iunnsaich an seoladh so, O m’ anam! na gabh suim de chomharan saoghalta, ’s na cuir taic an gairdein feòla; ach cuir do thaic ri Dia, o’m faigh na dìlleachdain tròcair. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. Sidni, C. B., Nov. 1, ’98. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. [TD 143] [Vol. 7. No. 18. p. 7] Bratach Thighearna Chola. Bha toil aig Mac’ Illeathain Dhuairt an cothrom a ghabhail air Tighearna Chola, le oidheirp a thoirt air an Eilean a ghlacadh; agus chaidh e gu math air aghaidh chum Caisteal Bhreachdachaidh a ruigheachd m’an d’thugadh an aire dhà. ’Nuair a thachair so, chaidh Tighearna Chola na ghrad uidheam leis na dh’ fheud e ga chuid daoine, agus chaidh e mach na chòdhail. Choinnich iad mar mhìle do Bhreachdachadh, air baile d’an ainm Totaonuill. Ann an deanamh deas fa chomhair a chatha, thug Triath Chola fainear gun do dhi-chuimhnicheadh a bhratach, ni a chuir doimheadas mòr air. Na gabh ort e, arsa sean cheatharnach làidir gramail, ’se teachd gu toiseach na muinntir, a’ tilgeadh uaith a bhoineid, agus a leigeadh ris ceann maol sgailceach, air an do chuir e a làmh. So a deir esan, bratach nach téid troidh air a h-ais gu h-oidhche. Cha ruigear a leas a ràdh gun do ghlac an t-aon mhire-chatha an t-iomlan diubh. Chaidh iad an sàs annta, agus chuir iad ruaig iomlan air an naimhdibh. B’e ainm an t-seann laoich sgailcich, Dòmhnull Mùgach. Agus ’se ainm an àite ’san do chuireadh an cath, Sruthan nan ceann. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. Am Feillire. NOBHEMBER, 1898. 1 Di-mairt An t-Samhuinn. 2 Di-ciaduin Latha nam marbh. 3 Dior-daoin 4 Di-haoine Tighinn Uilleam III. do Bhreatunn, 1688 5 Di-satharna 6 DI-DONAICH 22 Donaich na Trianaid. 7 Di-luain (6) Pòsadh Fionnghall Dhomhnullach, 1750 8 Di-mairt 9 Di-ciaduin Glacadh Montreal, 1775 10 Dior-daoin Breith Mhartin Luther, 1483 11 Di-haoine 12 Di-satharna (13) Blar Sliamh an t-Siorra, 1715 13 DI-DONAICH 23 Donaich na Trianaid 14 Di-luain Bas Chaluim Cheann-mhor, 1093 15 Di-mairt 16 Di-ciaduin Bas Ban-righ Mairearad 1093 17 Dior-daoin 18 Di-haoine 19 Di-satharna Breith Tearlach I., 1601 20 DI-DONAICH 24 Donaich na Trianaid 21 Di-luain Bas Sheumais Hogg, 1835. 22 Di-mairt Bas Morair Chlive, 1774 23 Di-ciaduin 24 Dior-daoin Bas Iain Knox, 1572 25 Di-haoine 26 Di-satharna 27 DI-DONAICH Donaich na h-Adveint 28 Di-luain 29 Di-mairt 30 Di-ciaduin An Fhéill Anndrais MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 10, M. 14 M An Solus Ur, L. 14, U. 8, M. 9 F A’ Cheud Chairteal L. 20, U. 0, M. 51 F An Solus Lan, L. 28, U. 0, M. 25 M DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 144] [Vol. 7. No. 18. p. 8] Ag Iomchair a Chlodhadair. FHIR-DEASACHAIDH CHOIR,—Tha beagan fhacal de ’n òran mu dheireadh a chuir mi thugaibh cearr. Anns an t-seachdamh sreath de ’n cheud cheithreamh tha thuirt far am bu choir thuit a bhi. Anns an tritheamh sreath de ’n cheathramh mu dheireadh tha mathadh far ’m bu choir muthadh a bhi. Anns an t-seachdamh sreath de ’n cheithreamh sin cha ’n eil an d ris an t-siorruidheachd; agus anns an t-sreath mu dheireadh de ’n òran tha sochairt far ’m bu choir siochaint a bhi. Faodaidh duine bhi na sgoilear ’s gun e bhi na bhàrd; agus air an aobhar sin an àite an t-òran a dheanamh na b’ fhearr ’s ann a rinn e na bu mhios’ e—a bhi stri ri a cheartachadh. Ma ’s e ur toil e, feuchaibh a rithist e seach e bhi na ablach mar sid. ALASDAIR AN RIDSE. Braigh Abhuinn a Deas, Antigonish, Nobh. 16mh, 1898. ORAN A RINN AILEIN AN RIDSE ANN AN DEIREADH A LAITHEAN. Air fonn:—“Cumha Chloinn Domhnuill.” B’e sgeul truagh do shiol Adhamh, ’S cruaidh ri àireamh ’s ri aithris e; ’Nuair bha bhean anns a ghàradh Mar thug Sàtan an car aisde; Choisinn cuaradh a bhais dhuinn, Fhuair an namhaid cas thairis oirnn; Thuit ’s a bhuaireadh cho tràth, ’Se buan mar fhàgail nach dealaich ruinn. ’S beag an t-ioghnadh mi liathadh— Coigh gach bliadhna chaidh thairis orm; Theid an cunntas dhomh diamhain, Chum ’s an fhiaras mi mhaireas dhomh. Tha mo pheacannan lianar, ’S cùis chianail ri aithris dhomh; ’S aobhar eagail dhomh an t-siorruidheachd, ’S a bhi triall ann an ath-ghoirid. ’S aobhar eagail us cùram Bhi toirt cùnntas nam aimideachd, ’S mi faicinn le m’ shùilean Ceann na h-ùine bhi teannadh orm. Tha mo shaoghal air m’ fhàgail, Cha ’n eil ach sgàil agus falas ann; ’S gur ro ghoirid na làithean A bhios mi tàmh anns an fhearann so. Gur cuis eagail gu brath dhomh Mar bha mo nàdur a mealladh orm, Dol fo bhreitheamh an àrd righ ’S am peacadh gràineil na eallaich orm. ’Nuairt a bhrist mi na fàintean, Chuir sid Pàrras am mearachd orm; Dhomhsa ’s measa mar tha sin Ma thig am bàs ann an ealamhachd. So an tim dhomh bhi dùsgadh ’S a bhi le cùram nam fhaireachadh, A bhi dian air mo ghlùinean Ag iarraidh ùine gu aithreachas. A bhi diadhaidh ’nam ghiùlan, Ciallach, ciùin le fior charrantachd; Lan fialachd is ùmhlachd Re m’ ùin’ air an talamh so. Ach tha mi ’n dòchas gu làidir Gu bheil na gràsan a teannadh orm, A bheir muthadh ’s gach fàilinn Mu ’n teid an snàthain a ghearradh orm. Tha mo bhun anns an Trianaid, Os leith Chriosd bho’n ’se cheannaich sinn; ’Nuair a ruigeas mi ’n t-siorruidheachd, Gu ’n toir e siochaint do m’ anam-sa [Cha d’ thugadh ionnsuidh air ceartachadh sam bith a dheanamh air an òran, ach a mhàin air litreachadh nam facal, ni a dh’ fheumas sinn a bhi deanamh gu tric, oir tha iomadh aon ’na bhàrd ’s ’na sheanachaidh nach eil comasach air facail Ghàilig a litreachadh ceart. Rinneadh na mearachdan air am bheil ar caraid a gearan leis a chlòdhadair. Cha ’n eil sinn a meas gu bheil iad ag atharrachadh seadh nan sreathan anns am bheil iad gu mor; ach air ghaol a bhi réidh ri Alasdair, (gun fhios c’uin a dh’ fhaodas sinn tachairt air a chéile—’s esan cho mor ’s sinne cho beag) bheir sinn ionnsuidh eile air an òran mar a tha esan ag àithne dhuinn, agus tha sinn an dòchas nach bi air an ionnsuidh so mearachd sam bith ann.—AM FEAR-DEASACHAIDH.] Rannan a rinneadh air do’n bhard a bhi ’g éisneachd ri dithis a bha comhradh mu’n chogadh. Gu’n cuala mi an teachdaireachd An raoir an tigh na pàrlamaid; An t-Ard Uachdaran a faoighneachd Ciod a chuim a b’ fhearr dha,— Còrdadh le arbitration Agus réit bhi ghnàs ann, No ’n cogadh a chur air shiubhail ’S Cuba thoirt o na Spàinntich. Fhreagair Nial e sin ’san àm “Gur h-i ’n aimhreit a b’ fhearr dha, ’S ged dh’ fhasadh daoine gann air Gu robh a Bhan-righ fàbh’rach; Chuireadh i luchd nan còta dearga— ’Se sin an t-arm tha làidir— ’S mur gabhadh Spàinntich an ratreud B’ an-ébhinn leam an càradh.” Sin a thubhairt Shorti ris, “Tha bhochduin air do làmhan, Cur an t-saoghail ri aimhreit, Bu tu ceann an annraidh Thig na Ruiseinich ’s na Frangaich Le armailtibh làidir; ’S ann chuireas iad thu am priosan, ’S cha dean ni do theàrnadh. Fhreagair Nial an sin gu h-ealamh, “Gu dearbh ’sann orm tha’n tàmailt; Ged chuireadh iad sinn air falbh Bheir an Sealbh sinn dhachaidh sàbhailt. Tha thu fhéin ro mhath air sealg, Ro mhath air marbhadh Spàinnteach; ’S mur coinnich iad ruinn ann an sith, Theid miltibh chur gu bàs dhiubh.” Shorti.—“Ged tha sinn math air sealg, Is math air marbhadh Spàinnteach; ’S ged readh an cur a null thar cuain ’S ann chuart’cheadh iad an t-àit-sa. Chuireadh iad bailtean Boston, Is New York ’na smàl oirnn; Cha’n fhàgadh iad baile ’san dùthaich, Gun gach aon diubh a bhombardadh.” Nial.—“Car son a tha thu ’t amadan, ’S cho aineolach ’sa tha thu? A bruidhinn air ni nach aithne dhut, Car son nach fhan thu samhach? Tha fortaichean ac’ an New York, A dh’ fhosgladh orra gu làidir; ’S nan tigeadh iad a steach do Bhoston, Choisneadh e am bàs dhaibh.” Shorti.—“Ged tha mis am amadan, Is aineolach mar tha mi, Tha aon ni ann is aithne dhomh, Nach fhan mi anns an àit so; Tha càirdean agus dachaidh agam Ged ’s fhad o’n rinn mi ’m fàgail Theid mi null do Chanada, Is gheibh mi dachaidh shàbhailt. AN GILLE DUBH. Thainig gle fhaisg air coig ceud deug gu leth soitheach a stigh do’n acarsaid so o thoiseach Iulaidh s’a chaidh. FAISG AIR da bliadhna air ais, sgriobh an t-Urr. Job Roadhouse, á Seeley’s Bay, Ont, ’g ar n-ionnsuidh—Ceadaichibh dhomh innse dhuibh cho measail ’sa tha mi air K. D. C. Bha mo stamag cho dona ’s gu robh i deanamh coire do m’ amhaich, air uairibh bhiodh eagal orm gu’n caillinn mo ghuth, ach thug K. D. C. a leithid a dh’fhaoth’chadh dhomh ’s gu bheil mi creidsinn gur h-e leigheas stamaig a’s fhearr a dh’ fheuch mi riamh. A RITHIST sgriobh air Maigh 25, 1896, mar a leanas:—“Cha chuala mi neach sam bith a dh’fheuch K. D. C. ag radh dad ’na aghaidh, ach tha gach aon ’ga mholadh mar leigheas math. Tha e ’ga mholadh fhein ’s gach àite ’n teid.” Cha toir tim smal air a chliù, agus gun teagamh ’s e ’n leigheas air cion-cnàmhaidh a’s fhearr a gheibhear an Canada. Tha K. D. C. Pills mar an ceudna anabarrach math air son a chuim. Sampuill a Nasgaidh. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 145] [Vol. 7. No. 19. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 2, 1898. NO. 19. AN RIBHINN ANNA. LE NIALL MAC LEOID. AIR FONN:—“’S i ’ghrain a’ chailleach.” Bu chuireadach binn an ribhinn Anna, Bu cheanalta grinn an ribhinn Anna, Bu deas air a buinn an ribhinn Anna, ’N uair rinn mi ’n ainnir a phosadh. An cois a’ chruidh-laoigh ’an glinn a’ bharraich, Le suigeart is aoidh mi-fhin is Anna, Bha sonas is sith gun dìth ’n ar talla, Gun ni ’cur smalan no bron oirnn. Chuir Freasdal oirnn paisdean baigheil tairis, A chinnich fo bhlath gu laidir fallain, O mhonadh gu traigh ’s o thraigh gu baile, Bu shunndach fearail ar n-oigridh. Bha Anna gu fial ’g an riaghladh thairis, Mar aingeal ’g an dion bho lion gach galar, ’G an teagasg le briathran ciallach earail, Le rian is maise ’g an seoladh. Chuir trioblaid no dha an sgail mu ’r teallach, Is bha sinn mar chach an sas fo ’n eallach, Ach Anna, mo ghradh, gun smaig gun talach, Le sith nam beannachd ’g ar steornadh. Ach chaochail ar n-al ’s tha ’n aite falamh, ’S tha sinne gun sta air sgath ar calla, Gun aighear mar bha gun agh air thalamh, Mi-fhin is Anna ’n ar n-onar! Gur fadalach sgith mi-fhin is Anna, Le mulad is caoidh ar cinn air gealadh, Ach moladh do ’n Ti ’thug dhuinn gach beannachd, Cha diobair Esan ar comhnuidh. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. III. A FAGAIL MO DHACHAIDH. An ceann mhios de shamhradh an uair a bha ’n t-àiteach ullamh agus a’ mhòine buainte, fhuaradh deiseil gach ni a bhiodh feumail dhomhsa air son mo thuruis gu ruige Duneidionn. Anns an àm cha robh e cho furasda do dhaoine falbh as a’ Ghaidhealtachd do ’n Ghalldachd ’s a tha e aig an àm so. B’ ainneamh àite ’s a’ Ghaidhealtachd anns an robh bàta-smuide a’ taghal, Mar bu trice bhiodh na marsantan a’ faighinn dhachaidh an cuid bathair le soithichean seòlaidh, agus le cnapaich mhatha de sgoithean a bheireadh leotha mu chòig no sia thunnachan. Aig an àm ud bhiodh mòran a’ falbh as a’ Ghàidhealtachd gu obair an fhoghair anns an taobh deas, agus mar bu trice choisicheadh iad a h-uile ceum dhe ’n astar B’ aithne dhomh firionnaich is boirionnaich a bhiodh a’ dol a h-uile bliadhna gu riaghailteach thun na buana gu ruige Siorrachd Dhuneidinn. Ged a rachadh agamsa air coiseachd gu ruige Duneidionn, cha fhreagradh sin dhomh, do bhrìgh gu ’n robh beagan imrig agam ri thoirt leam nach b’ urrainn domh a ghiùlan air mo mhuin mar a dheanadh luchd na buana. Ach gu fortanach dh’ fhar dithis no triùir dhe na marsantan a bh’ anns an dùthaich bàta a bheireadh leatha mu dhà fhichead tunna, agus fhuair mise agus beagan eile a bha ’falbh a dh’ iarraidh cosnaidh do ’n Ghalldachd cead falbh innte. Bha cunntas mhiltean ugh air bòrd, a bha na marsantan a’ cur air falbh gus an reic ann an Grianaig ’s an Glascho. Bha nithean eile air bòrd air nach ’eil cuimhne agamsa. Có dhiubh tha cuimhne agam gu ’n robh am bàta dùmhail gu leor eadar na bh’ innte de bhocsaichean, de dhaoine, agus de dh’ imrig. An latha ’sheòl sinn bha na càirdean ’g ar caoidh cho mòr ’s ged a bhiomaid a’ falbh as an rioghachd. Ach o’n a bha ’n t-sìde glé bhriagha agus soirbheas fabharrach againn, cha robh sinn fada ’call seallaidh air dùthaich ar breith ’s ar n-àraich. Bha cuid dhinn nach robh riamh roimhe air bòrd bàta, agus an uair a thòisich an soirbheas ri beothachadh gu math agus a làidheadh am bàta beagan air a cliathaich, bha eagal oirnn gu ’n rachadh i thairis agus gu ’m biomaid air ar bàthadh. Bha spòrs gu leòr aig an sgiobadh oirnn. Am measg na bha sinn ann air bord bha dithis mharsantan, agus fear aig an robh taigh-òsda beag ann an àite ris an cainte Ceann-locha. Bu tric leis an triùir so an uair a thachradh iad fhein agus an càirdean ri ’chéile deur beag a bhith aca eatorra de stuth na Tòiseachd. An uair a chaidh iad air bord an latha ud, thug iad leotha botul no dhà am fear. Cha ’n e gu ’m faca mise ciod a thug iad leotha, ach thuig mi air na bha mi faicinn a’ dol as an t-sealladh dhe ’n stuth làidir nach b’e am beag na bh’ aca air bòrd dheth. Cha robh iad mosach m’a dhéidhinn idir. Thairg iad uair is uair deur do gach aon a bh’ air bord. Ged a rinn fear dhiubh coiteach gu leòr ormsa gus blasad air, cha bhlaisinn air air son rud sam bith. Cha robh cleachdadh sam bith agam air. B’ ainneamh a chunnaic mi uisge beatha ann an taigh m’ athar ach aig àm na Nollag, an uair a bheireadh mo phàrantan cuireadh do bheagan dhe na càirdean ’s dhe na coimhearsnaich bu dlùithe dhaibh gu cuirm. An uair a thainig an oidhche chaidh sinn a chadal. Cha robh àite cadail ro mhath againn, ach b’ fheudar dhuinn cur suas leis. Faodaidh mi ràdh gu ’n robh sinn riaraichte gu leòr le cùisean mar a bha iad. Anns an àm ud chuireadh luchd turuis suas le iomadh uidill is anastachd ris nach b’ urrainn do shluagh an latha ’n diugh seasamh idir. O’n a bha ’n oidhche car dorcha smaoinich an sgiobair gu ’m b’ fhearr dha acrachadh ann an àite sabhailte gus an soilleiricheadh an latha. Thug so dhuinn uile cothrom air an oidhche a chur seachad na bu shocraiche na dheanamaid na ’n do lean e air seòladh fad na h-oidhche. Dhùisg sinn anns a’ mhadainn gu h-ùrail, sunndach, agus o’n a thachair gu ’n robh an fhairge gu math lom, chaidh againn air ar biadh a ghabhail gu math. Anamoch feasgar ràinig sinn Tobar-mhoire. Chaidh sinn uile gu tir ach aon fhear dhe ’n sgiobadh a dh’ fhan air bòrd a’ toirt an aire do ’n bhàta. Chuir baile Thobar-mhoire ioghnadh gu leòr ormsa. Bha leithid de thaighean geala ann, agus bha mòran nithean nach fhaca mi riamh roimhe ri am faicinn anns na buithean. Bha e suas ri meadhain oidhche mu ’n do thill a h-aon dhinn do ’n bhàta. Dh’ fhan an dithis mharsantan agus fear an tigh-òsda anns a’ bhaile far an do chuir iad seachad na bha rompa dhe ’n oidhche ag òl ’s a’ gabhail òran ’s ag innseadh naigheachdan comhladh ri beagan de sheann luchd-eòlais a bh’ aca anns a’ bhaile. An uair a chaidh iad gu bòrd an la-iar-na-mhaireach, chaidil iad gus an robh sinn faisge air baile an Obain. Cha dichuimhnich mi ri m’ bheò an sealladh briagha a bha ri fhaicinn air gach taobh dhinn an uair a bha sinn a’ seòladh troimh Chaol-Muile. Bha ’ghaoth ’n ar n-aghaidh, agus b’ fheudar dhuinn a bhith beiteadh fad an latha. Thug so dhuinn am barrachd cothroim air an fhearann ’fhaicinn. Bha na beanntan, mar bu trice, comhdaichte le dlùth fheur gorm gu bruach a’ chladaich. Bha na cnoic, na glinn, ’s na srathan cho bòidheach ’s gu ’m bu leigheas air cridhe trom, leòinte a bhith ’g an amharc. Bha spréidh dhe gach seòrsa ri ’m faicinn ag ionaltradh an sid ’s an so air gach cnoc, is glaic, is gleann. An dràsta ’s a rithist chìteadh taighean dhe gach seòrsa agus craobhan àrda fo ’n làn dhuilleach dlùth dhaibh. Bha achaidhean mòra, briagha, réidh ri ’m faicinn an dràsta ’s a rithist mar a bha sinn a’ seòladh air ar n-aghart, agus bha ’m fochann an déigh blath-fuinn a chur gu math orra. Bha iomadh ni boidheach eile ri ’fhaicinn air nach ’eil a’ bheag de bheachd no de chuimhne agamsa an diugh. Thainig oirnn an oidhche a chur seachad anns an Oban. Math ’s mar a chòrd Tobar-mhoire rium, b’ fhearr na sin a chòrd an t-Oban rium. Bha iomadh ni ri fhaicinn ann nach robh ri fhaicinn ann an Tobar-mhoire. Gu math moch ’s a’ mhadainn, o’n a bha an soirbheas fabharrach sheòl sinn, agus ràinig sinn ceann a’ Chanàl gu sàbhailte. Thug sinn ùine na b’ fhaide na bu mhath leinn a’ dol troimh ’n Chanàl. Bha té no dhà dhe na glasan nach robh ag oibreachadh gu math, agus cha robh againne agus aig bàta no dhà eile a bh’ ann romhainn ach feitheamh gus an d’ fhuaradh na glasan a chur an òrdugh. Cha do mhi-chòrd an dàil so riumsa idir; oir bha mi ’cur seachad na h-ùine le toil-inntinn gu leòr a’ gabhail beachd air gach ni a bha mi ’faicinn. Mu dheireadh fhuair sinn troimh ’n Chanàl; agus ged a bha ’n t-sìde glé mhath bha cnap math fairge againn an àm dhuinn a bhith ’dol seachad air Rudha Aird ’ic Laomainn. Fhuair sinn soirbheas gle mhath an àm dhuinn a bhith ’dol troimh na Caoil Bhòdach. Bha sealladh math againn air na chunnaic sinn a dh’ fhearann Bhòid is Arrainn; oir bha ’n t-sìde tioram, agus an iarmailt soilleir fad na h-ùine. Mu dheireadh thall rainig sinn Grianaig. B’e sin baile na gleadhraich. Bha eagal orm gu ’n rachadh m’ eanachainn gu buileach troimh a chéile. Bha dùil agam gu ’n robh sluagh na rioghachd cruinn, cothrom, comhladh ann. An uair a thuirt mi ri fear dhe ’n sgiobadh, gu ’n robh ioghnadh mòr orm gu ’m biodh a leithid de shluagh ann am baile sam bith, thuirt e rium, “Stad ort, a laochain, gus an ruig thu Glasacho. Sin far am faic thu ’n sluagh, agus na taighean. Dh’ fhaoidteadh uiread ’s a tha de thaighean ’s de shluagh ann an Grianaig a ghoid á Glasacho, agus cha ’n ionndrainneadh tu gu ’n robh taigh no duine ’g a dhìth.” An uair a chuala mi so, dh’ fhan mi samhach. O nach d’ fhuair na marsantan reic gu ’n ailleas ann an Grianaig air na h-uighean ’s air na nithean eile a thug iad leotha as a Ghaidhealtachd, chuir iad rompa gu ’n rachadh iad leis a’ bhàta gu ruige Glasacho, an dòchas gu ’m faigheadh iad prìs a b’ àirde air gach ni a bh’ aca ri reic. Bha té dhe na bàtaichean tobhaidh a bha ’dol suas deònach am bàta againne a thoirt suas comhladh ri dhà no trì eile nach [TD 146] [Vol. 7. No. 19. p. 2] robh a’ bheag na bu mhò na ’m bàta againne. Briagha ’s mar a bha ’n sealladh a bha ri fhaicinn a’ dol troimh Chaol-Muile, agus a’ dol troimh na Caoil-Bhòdach, bu shuarach e an coimeas ris an t-sealladh a bh’ againn air gach taobh a dh’ amhainn Chluaidh eadar Grianaig is Glasacho. Ged a bhithinn-sa fichead uair na bu bheachdaidhe sùil, na bu gheire inntinn, agus na bu deise aig a’ pheann na tha mi, cha rachadh agam air trian dhe na bha ri fhaicinn a sgriobhadh sios an so, agus air an aobhar sin cha ’n fheuch mi ris. An rud nach urrainn duine a dheanamh gu ceart, tha e cho math dha gun làmh a chur ann. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. IX. Air an ath latha, mu’n tugadh an lathair Sobaide mi, dh’ innis a’ bhean uasal dhomh mar a theirinn ’s a dheanainn. Dh’ ainmich i na ceisdean a chuireadh Sobaide orm, agus dh’ innis i dhomh mar bu choir dhomh freagairt a thoirt oirre. ’Na dheigh so thug i mi do sheomar a bha anabarrach mor briagha, agus anns an robh earnais cho eireachdail ’s a chunnaic duine riamh. Cha bu luaithe a chaidh mi steach na thainig fichead bean-choimhideachd a steach ’n am dheigh. Bha iad uile greis mhath aoise, agus bha iad air an eideadh anns an aon seorsa trusgain. Sheas deichnear dhiubh air gach taobh air beulaobh na cathrach. ’Nan deigh so thainig fichead eile do mhaighdeannan oga a steach. Bha iadsan mar an ceudna air an eideadh anns an aon seorsa trusgain; ach bha na trusgain na bu riomhaiche. ’Nan teis-meadhain so thainig Sobaide fhein a steach, agus coltas moralach oirre. Bha na seudan a bh’ oirre cho trom ’s cho lionmhor ’s gu’m bu ghann a b’ urrainn di coiseachd. Shuidh i air a’ chathair, agus thainig a’ bhean uasal agus sheas i aig a laimh dheis. Ach bha ’n da fhichead bean-choimhideachd ’nan seasamh ’nan da shreith air gach taobh dhe ’n chathair. Cha bu luaithe a shuidh a’ bhan-righ air a’ chathair na dh’ iarradh ormsa tarruinn dluth dhi. Choisich mi suas eadar an da shreith mhnathan gus an d’ rainig mi faisge air bonn na cathrach, agus leig mi mi-fhein ’nam shineadh air an lar-bhrat a bha fo chasan na bhan-righ. Dh’ iarr i orm eirigh ’nam sheasamh, agus chuir i a dh’ urram orm gu’n d’ fheoraich i ciod e an t-ainm a bh’ orm, ciod e na daoine o n d’ thainig, agus ciod a b’ fhiach mi dhe’n t-saoghal. Fhreagair mi na ceisdean so ann an doigh a thaitinn rithe gle mhath. “Tha mi ro thoilichte,” ars’ ise, ‘gu’n d’ rinn mo nighean—oir is ann ’s an t-seadh sin a tha mi ’g a meas—an deigh an curam a ghabh mi dhith riamh o rugadh i, roghainn do dh’ fhear a tha cordadh rium gle mhath. Tha mi gu toileach a’ toirt cead dhuibh posadh. Chi mi fhein gach ni air a dheanamh mar is coir. Ach feumaidh mo nighean fuireach comhladh rium deich latha mu’n deanar am posadh. Agus anns an uine sin labhraidh mi ris an righ, agus tha mi cinnteach gu’n cuir e, aonta ris an ni a tha sinn uile toileach a dheanamh. Aig a’ cheart am fanaidh tusa far am bheil thu, agus cha bhi eis sam bith ort.” Mar a dh’ iarr a’ bhan-righ orm, dh’ fhan mi deich latha ann an seomar nam ban, agus anns an uine sin cha’n fhaca mi sealladh dhe’n mhnaoi uasail a bha mi ’dol a phosadh. Ach cha robh eis ni sam bith orm; agus cha mho a bha aobhar agam air a bhith ’gearain air ni sam bith. Dh’ innis a’ bhan-righ do’n righ gu ’n robh a’ bhean uasal og, air an robh i ag amharc mar a nighean fhein, a’ dol a phosadh; agus thug an righ cead dhi deanamh mar a thogradh i fhein. Thug e suim math airgid do’n mhnaoi uasail mar thochrach. An ceann deich latha dh’ ordaich Sobaide gu’m biodh cumhnantan a’ phosaidh air an sgriobhadh, agus air an cur fa comhair fhein. Rinneadh so; agus an uair a chaidh gach ulluchadh feumail a dheanamh air son na bainnse, fhuaradh luchd-ciuil is dannsairean, agus bha fleadhachas anns an luchairt fad naoi latha. B’ ann air an deicheamh latha a bha ’n posadh gu bhith air a dheanamh. Thugadh a’ bhean uasal do ’n taigh-fharagaidh, agus thugadh mise do thaigh-fhargaidh eile. An uair a thainig an oidhche shuidh sinn aig bord air an robh gach biadh a smaoinicheadh duine idir. Agus am measg nam biadh so bha biadh anns an robh creamh, coltach ris a bhiadh a thug sibh orm a ghabhail an nochd fhein. Chord e rium cho math ’s gur gann a bhlais mi air biadh sam bith eile. Ach gu mi-fhortanach an uair a dh’ eirich mi o’n bhord cha do nigh mi mo lamhan; ni air nach d’ rinn mi dearmad riamh roimhe. Ged a b’ e an oidhche a bh’ ann, bha leithid de sholuis ann an seomar nam mnathan, ’s gu’n saoileadh duine gur e an latha bh’ ann. Cha chluinneadh duine a ghuth fhein anns an luchairt ach ceol is dannsa agus iolach aoibhneis. Chuireadh mise agus mo bhean do thalla mor, agus thugadh oirnn suidhe air da chathair. Chuir na mnathan-coimhideaahd caochladh thrusgan uimpe, agus dhath iad a h-aghaidh le caochladh dhathan, a reir a’ chleachdaidh a bh’ anns an aite, agus a h-uile uair a chuireadh iad trusgan ur uimpe, bheireadh iad nam lathair sa i. An uair a chuireadh crioch air na nithean so, thugadh do’n t-seomar chadail sinn. An uair a dh’ fhalbh a chuideachd, chaidh mi far an robh mo bhean gus breith oirre ’nam ghairdeanan agus pog a thoirt dhi; ach an aite leigeadh leam breith oirre agus pog a thoirt dhi, is ann a thug i upag dhomh, agus thug i glaodh eagallach aisde. An uair a chuala na mnathan uaisle a bh’ anns na seomraichean dluth oirnn ise a’ glaodhaich, thainig iad a steach ’nan ruith feuch ciod a bha cearr. Bha mise mar gu’m biodh duine a bhiodh an deis a thur a chall. Bha mi ’nam sheasamh mar gu’m biodh maide marbh ann. Cha robh fhios agam ciod a theirinn no dheanainn. “Mo phiuthar ghaoil,” arsa na mnathan uaisle a thainig a steach, “ciod a dh’ eirich dhut o’n a chaidh sinn am mach as an t-seomar? Innis dhuinn, agus feuchaidh sinn ri cuideachadh leat.” “Thugaibh air falbh an duine graineil so as mo shealladh,” ars’ ise. “C’arson, a bhaintighearna,” arsa mise; “cia mar a choisinn mi do dhiumbadh.” “Cha’n eil annad ach an crochaire,” ars’ ise, “dh’ ith thu creamh, agus cha do nigh thu do lamhan! Am bheil thu ’n duil gu’n leig mise le creutair graineil salach mar a tha thu tighinn dluth dhomh gus mo phuinnseineachd? Beiribh air anns a’ mhionaid agus leagaibh air an urlar e, agus thugaibh dhomhsa a’ chuip ’s gu’n gabhainn air.” Ann an tiotadh leag iad mi. Chum cuid dhiubh mo lamhan, agus cuid eile mo chasan, agus ghabh mo bhean dhomh leis a’ chuip gus an robh i seachd sgith. An sin thuirt i riutha, “Thugaibh leibh e a dh’ ionnsuidh a’ bhreithimh, agus gearraidh e dheth an lamh leis an robh e ’cur na creamh ’na bheul.” “Gu’n sealladh ni math ort! Am feumar an lamh a ghearradh dhiom an deigh mo leith mharbhadh le cuip, a chionn gu’n do dhichuimhnich mi mo lamhan a nigheadh an uair a sguir mi dh’ itheadh na creamh? Tha’m peanas tuilleadh is mor air son cionta cho beag. Mo mhollachd air a’ chreamh agus air a’ chocaire a dheasaich ’s a’ chuir ’nam lathair e.” Ghabh na mnathan a bha lathair truas dhiom an uair a chuala iad a bhith ’g ordachadh an lamh a thoirt dhiom an deigh dhomh mile buille fhaotainn. “A phiuthar ghaoil,” ars’ iadsan rithe, “tha thu ’leigeadh le do chorruich a dhol tuilleadh is fad air aghart. Tha fhios againn gur duine e a tha, ann an tomhas mor, aineolach air iomadh ni, agus gu h-araidh air cleachdadh na luchairt anns an deachaidh tusa thogail, agus air an urram bu choir dha a thoirt dhutsa; air an aobhar sinn tha sinn a’ guidhe ort gu’n toir thu lan mhathanas dha.” “Cha d’ rinn mi dioghaltas gu leor fhathast air,” ars’ ise, “bheir mi air gu’m bi cuimhne aige ri bheo air a mhi-mhodh a rinn e, agus gu’n toir e an aire mhath ’na dheigh so gu ’n nigh e a lamhan gu math ’s gu ro mhath a h-uile uair a bhlaiseas e air creamh.” ’Na dheigh so ghuidh is ghuidh iad oirre gu durachdach gun an còrr dioghaltais a dheanamh orm. Leig iad iad-fhein ’nan sineadh aig a casan, agus phog iad a lamhan, agus thuirt iad, “A bhaintighearna mhath, an ainm Dhe cuir stad air do chorruich agus deonaich dhuinn am fabhar a tha sinn ag iarraidh.” Cha tug i freagradh sam bith dhaibh; ach dh’ eirich i ’na seasamh, agus an uair a chain ’s a smad i mise gu’m bhrogan, ghabh i am mach as an t-seomar. Dh’ fhalbh iadsan as a deigh agus dh’ fhagadh mise ann an trioblaid nach urrainnear a thuigsinn. Bha mi fad dheich latha gun charachadh as an t-seomar, agus fad na h-uine sin cha ’n fhaca mi neach ach seana bhoirionnach a bha ’tighinn ugam le greim bidh. Dh’ fheoraich mi dhith ciod a thachair do m’ mhnaoi agus thuirt i rium gu’n robh i ’na laidhe tinn leis mar a bha i air a puinnseanachadh le faileadh na creamh. “C’ar son,” ars’ ise, “nach do nigh thusa do lamhan an deigh dhut a chreamh mhallaichte ud itheadh?” Thuirt mise rium fhein gu’m bu ghnothach iongantach gu’m biodh mnathan uaisle cho grinn riutha a’ deanamh a leithid de dhroch dhiol air duine sam bith air son cionta cho beag! Bha gradh agam do ’m mhnaoi a dh’ aindeoin na rinn i orm, agus cha b’ urrainn mi gun truas a bhith agam rithe air son cho cruaidh-chridheach ’s a bha i. (Ri leantuinn.) SAOTHAIR NAN GAIDHEAL Anns a Chogadh, air son Saorsa na h-Alba. LE DEARG THULAICH. (Air a leantuinn.) Chaidh Brus gu Dunfris anns a cheud àite agus choinnich e Iain Cuimein, Moirear Bhaideanach, ann an eaglais an sin. Tha e air a radh gu’n do thairg e na h-uile còmhnadh a bha’n a chomas a thoirt a chuir a Chuimeineich air Righ-chathair na h-Alba, nan aontaicheadh esan oidheirp a thoirt a dh’ fhuasgladh na rioghachd bho a daorsa. Ge b’e cia mar a thachair e, co dhuibh, chuir an dithis a mach air a cheile, agus eadar Brus agus a luchd-leanmhuinn mharbhadh an Cuimeineach ann an eaglais. Nuair a chual sluagh mu ’n ionnsuidh so bhi air a toirt air na Sasunnach leis an laoch òg a bha cho dluth air a chrùn leum iad suas cho garg agus cho bagarach is gu’n do chuir iad an teicheadh air na h-uile Sasunnach nach robh cuairtiche le ballachan diona, agus thug iad leo Brus gu Scàin gu bhi air a chrunadh na Righ air Albainn. Mus am bitheadh crùnadh Righ Albannach laghal agus seasmhach, dh’ fheumadh e a réir ghnàthais bhi air a chuir ’n a shuidh anns an righ-chathair le ceannard Clann Mhic Duf a Fiobh, teaghlach do ’m bu dual air an ainm bhi Gaidhealach mur robh iad ann d’a rireadh. Ach b’e so an duine nach robh r’a fhaotainn ach mur robh thainig a phiuthar gun mhoille gun dàil a bha posda air Iarla Bhuchan, [TD 147] [Vol. 7. No. 19. p. 3] agus rinn ise an dleasdanas gu h-òrdail. Dh’ fhuiling i gu daor aig lamhan Eideird air son a gniomha oir ghlac e i agus dhruid e suas a bhean uasal ’na priosanach ann an lann no cèis iarruinn a dh’ orduich e a dheanamh air a son. Am measg daoine eile a ghlac Eideard agus a chuir e gu bas bha Neacail bràthair Raibeirt Bhruis agus b’ iomraiteach a dhreach; bha Gillecriosd Senton a bha posda air piuthar Bhruis, agus a bhràthair Alasdair Senton ’n an dithis eile a ghlacadh agus a chuireadh gu bas. Dh’fhuiling Iarla Atholl, agus Simon Friseal; sinnsear Mhic Shimi na h-Airde, agus fear eile an aon bhas oillteil agus eagalach is a dh’ fhuiling Uallas a chionn gu ’m fac Eideard iomchuidh am measadh ’n am brathadairean dhasan ann bhi a’ togail an làmh air taobh na h-Alba. Fhuair Brus iemadh luasgadh a null agus a nall mu ’n d’ fhuair é fhéin is a rioghachd a shocrachadh ann an sith agus ann an tearuinnteachd. Bha e ’n a fhògarach a measg nan Gaidheal mu’n robh e tri miosan ’na righ. Mu ’robh uine aige air feachd a chruinneachadh agus a chuir ann an ordugh cogaidh thàinig na Sasunnaich air le foill le feachd thar a chomais ann an Coille Mheintidh agus chuir iad an ruaig air. Fhuair e fasgadh an toiseach ann Srath Teimhil ann an criochaibh Atholl. Tha àitean an sin a tha air an ainmeachadh air gus an la an diugh. Fhuair Caille a bhrochain a h-ainm o’n bhrochan a thugadh do Bhrus is e an éiginn mhor. Theagamh gu ’m b’e sin a cheud bhiadh a fhuair e an déidh dha teicheadh bho Choille Mheintidh. Tha an t-àite anns an ghabh e còmhnuidh agus aite aig an do chroisg e an abhainn air an cumail air chuimhne leis na h-ainmean Seomar-an-righ agus Ath-an-righ. Tha e air an radh mar an ceudna gur e esan a choinnich buidheann Shasunnaich aig Inbhir-chadain ann an Gleann Sasuinn anns an Raineach, agus a choisinn an la orra aig Dal-a-choisnidh. Bha e saor bho chunnart co dhiubh anns an duthaich car beagan ùine, ged nach robh a naimhdean robh fhad as. Air a thaobh tuath agus glé ghoirid uaith bha Baideanach duthaich nan Cuimeinach agus b’e diòghaltas ailghios nan daoine air son a ghniomh a rinn Brus air an Iarla anns an Eaglais an Dunfris. Bha Moirear Lathairn fear daimh do ’n Chuimeineach Mac Dhugaill a’ b’ ainm da, màmhaid mor eile do Bhrus air an taobh an iar is gun bhi fad as. Bho Shrath Teimhil chaidh Brus agus am beagan chairdean a bha còmhlath ris suas rathad Thigh an droma far an tàinig Mac Dhughaill a Lathairn air aig àite air a bheil Dal-righ o’n la sin, agus b’ fheudar do Bhrus teicheadh amach rathad Ghlinn Fallaich ach cha b’ ann gun dearbhadh deuchainneach a thoirt do a naimhdean air a neart is air a ghaisge. As deidh so car beagan bliadhnachan cha ’n eil e furasda a cheuman a lorgachadh bho àite mar a chaidh e, agus is e na ghabhas a radh gu’n robh e ann an leithid se dh’ àitean. Tha fios gu’n do phill e air a chothrom agus gu’n do smachdaich e Mac Dhughaill Lathairn gu sgairteil aig Loch Obha. Choinnich e mar an ceudna feachd Iarla Bhuchan, fear eile de na Cuimeinich agus feachd Shasunnach còmhla aig Inbhir Uaaidh agus fhuair e bhuaidh thàiris orra agus chreach e fearann a Chuimeineich. Bha e aon uair mu Inbhirnis agus uair eile aig Caldair an Srathnaruinn. Tha eachdraidh Clann Choinich ag radh gu’n d’ fhuair Brus aoidheachd agus didean car ùine mhor bho Bharan Chinntail ann an Caisteal Eileandonnain. Bha Mac Dhomhuill nan Eilean, agus Tighearna Earraghaidheil an toiseach co dhiubh a cur an aghaidh Bhrus fhad agus a b’ urrainn daibh. Tha litrichean fathast a lathair a sgriobhadh le Alasdair Earraghaidheil, le Alasdair nan Eilean agus le Domhnall nan Eilean a dh’ionnsuidh an Righ le gealladh còmhnaidh dha uapa an aghaidh Bhrus, ahus rinn Righ Shasuinn co bhoinn riu. Tha eachdraidh Chlann Domhnaill ag innis mar a leum Brus air Alasdair nan Eilean an déidh a bhuaidh fhaotainn air na Lathairnich aig Loch Obha. Theagamh gur ann mu ’na am sin cuideachd smachdaich Brus Alasdair Earraghaidheal mar a b’e so ainm eile air son Moirear Lathairn mar a tha cuid ag radh, agus rinn e priosanach dheth. Ach co dhuibh, chuairtich Brus Alastair nan Eilean ann an Caisteal Suainn, agus theannaich e chò cruaidh e is gu’m b’fheudar do’n luchd dion geilleadh. Bha Alasdair air a chuir am priosan ann an Caisteal Dhundomhnaill agus fhuair e am bas an sin mu’n robh e fada ann. Tha an eachdraidh ag radh mar an ceudan gu’n robh an ath Mhoirear air an h-Eileanan air taobh Bhruis agus na h-Alba agus an aghaidh Shasuinn, agus gu ’n tug e aoidheachd agus dìdean do Bhrus an toiseach ann an Caisteal Shaghadail an Cinntire agus ann an Caisteal mor Dhunabhartaidh gus an deach Brus a null gu Eilean Rachlainn a bhuineadh do na Domhnallaich aig an am sin. Theagamh gu ’n do thadhail Brus an Cinntire a ris nuair phill e bho Eilean Rachlainn agus mu ’n deach e gu Eilean Arainn. Air taobh an iar dh’ Arainn aig Druimadùin tha tri no ceithir dh’ uaimhean mora briagha agus air aon duibh tha Uamh Righ mar ainm a chionn gu’n robh, Brus am folach innte car treise. Bha Caisteal Bhreadhaig air taobh eile an Eilein lan de Shasunnaich, no shaoil le Brus gu’n robh gus an do thachair e aon la is e a sealgadh, air a charaid am Moirear Seumas Dubhghlas a bha an déidh a a Chaisteil a ghlacadh bho na Sasunnaich. Fhuair an Righ leithid a chairdeas is a chaoimhneas bho na h-Arainnich ’n a éiginn is gu’n tug e as déidh sin do chuid dhiubh oighreachdan a bha aig an sliochd fad iomadh lìnne; agus nuair a fhuair e an riòghachd a shocrachadh ann an sìth thainig e air son toil inntinn dha fhéin a measg beanntan agus frìthean Arainn. Ach mu ’n d’ fhag e an t-eilean aig an am so tha e air innis gu’n do choinnich ban thaibhsear de mhuinntir an Eilean e agus gu’n dubhairt i ris gu’n robh laithean a dheuchainn caithte agus gu’n soirbhicheadh e ’n a h-uile buille. B’ fhior mar a thachair. Dh’ éirich leis agus chruinnich thuige na h-uile la bho sin gus an do sheas e aig Allt a Bhonnaich air a cheithreamh la fichead da dhara mhios an t Samhraidh 1314 a bhacadh a chumail Righ Shasuinn bho chobhair a thoirt do na Sasunnaich a bha druidte a suas ann an Caisteal Shruithleath. Is e an dara Eideard a bha a nis ’n a Righ air Sasunn, oir caochail an sean righ seachd bliadhna roimh so. Fhuair Brus a bhuaidh an so ged a bha 100,000 saighdear aig Righ Shasuinn is nach robh aig féin ach deich mile fichead. Cha bu bheag de chliu a bhlàir so a chosnadh leis na Gaidheil a bha a cathadh air taobh na h-Alba. Bha feachd na h-Alba air a roinneadh le Brus air son orduigh catha ’na ceithir buidheannan; tri hhiubh taobh ri taobh anns a bheulaobh, agus aon buidheann comhnaidh de dhaoine danarra earbsach air son beuladh a steach nam bitheadh na Sasunnaich coltach ri bhi buadhachadh an aite air bith de ’n bhlar mhor. Bha a bhuidheann-comhnuidh air a dheanamh suas de Ghaidheil a Earraghaidheal agus as na h-Eileanan, maille ri muinntir Charaig oighreachd Bhruis fhéin, agus iad uile fo chomand Aonghais Oig Mhic Dhomhnuill bho na h-Eileanan. Nuair a fhuair a bhuidheann so an greim choisinn iad leithid a chliù an sealladh Bhruis agus gu’n tug e àithne gu’n faigheadh Moirear nan Eilean is a luchd leanmhuinn an taobh deas anns na h-uile cath a chuireadh feachd na h-Alba bho linn gu linn. Tha e glé choltach gu ’m bitheadh Gaidheil anns na buidheanaibh eile mar an ceudna ged nach eil iad air an ainmeachadh gu sonruichte. Tha an Seanailear Stiubhard a bha an Gart ag ainmeachadh nam fineachan Gaidhealach air leith a chathaich air taobh na h-Alba air la sin. B’ iad Mac Aoidh, Mac an Tòisich, Mac-a’-Phearsain, Camrain, Mac Ceardaigh an Caimbeul, na Méinnneirich, Mac Illeathain, na Sùtharlanaich, MacDhonnachaidh, Grannd, Freiseal, Mac Pharlain, Ros, Mac Griogair, Mac an Rothaich, Mac Cóinnich, agus Mac Guaire. Tha ughdair Eachdraidh Chloinn Illeathain ag ainmeachadh a bharrachd air sin na Stiubhartaich, Mac Dhomhnuill agus na Drumainnich. Ach cha na Cuimeinich, Mac Dhugaill a Lathairn, Mac an Aba a Gleann Dochart, agus feadhainn eile nach bu chòir air taobh Shasuinn air an latha sin. Cha do bhuidhinn Sasunn cliù no eile ann an Albainn o’n la sin anns a chogadh an dras is a ris a lean naoi bliadhna eile ged a thàinig feachd eile anns an robh 100,000 dh’ Albainn. Choisinn na Gaidheil cliù shonruichte aon uair eile air taobh na h-Alba agus sin ann an Sasunn. Bha feachd Shasuinn daingnichte air monadh cas agus fhuair Brus feum mor, mar a tha e air innseadh, as na Gaidheil a Earraghaidheal is na h-Eileanan a bha anns an arm aige. Rinneadh sith eadar Sasunn agus Albainn anns a bhliadhna 1323, agus bha na Gaidheal a bha a leantuinn an cuid cheannardan air taobh an Righ air an cuir fa sgaoil; ach tha ionndrain mhor nach eil an ainmean air an innis. Bu taitneach an ni ainmean nan daoine a chluinntinn a bha cumail suas cliù nan Gaidheil air son gaisge agus treunadais ann bhi ag cuideachadh coirichean agus saorsa na h-Alba a dhionadh bho sharuchadh Shasuinn. Ach mar a tha, tha e soilleir gur fada bha Brus an comain nan Gaidheil air son aoidheachd agus didean ’na éiginn agus air son misneachadh is cuideachadh ann an saoradh na h Alba. “IRISH” NO GAILIG. FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN,— Anns a’ litir a sgriobh an t-Urramach an t-Ollamh De Henebre a dh’ ionnsaidh a MHIC-TALLA tha e ag radh, nach ’eil ni ’san domhain bu taitniche leis na Gaidheil na h-Eireann agus na h-Alba a bhi nan co-Ghaidheil a ris mar a bha iad bho chian. Tha mi cinnteach gun taitnich an durachd so ris gach cridhe Gaidhealach; ach gus an aonachd a thoirt gu buil, feumaidh an da mhiar de ’n Ghaidhealtachd tighinn gu cheile air an aon seasadh-bonn. Mu dh’ fhiachas an darna buidheann ri cach a shluigeadh ’s gann gun teid e leotha. Ach ’s e direach ni de ’n t-seorsa so a chi sinn ann an sgriobhadh leis an Ollamh De Henebre anns a Chatolic University Bulletin mu Irish Phonology, air a mhios so chaidh. Cha ghabh e dh’ ainm air na Gaidheal ach Irish, agus Irish language air an Ghaidhlig, los gun saoileadh an t-ain-eolach nach ’eil Gaidheil Albannach idir ann, neo ma tha nach fhiach iad an t-saothair dad a radh mu ’n deidhinn; neo mar a thuirt mi cheana, tha na h-Eirionnaich a fiachainn ris an aonachd a choimhlionadh, leis nan Gaidheil Albannach a shluigeadh ’san cuir á follais. Ach gheibh iad so duilich a dheanamh, ’s cha ’n ’eil reusan air. Tha deagh fhaclan Beurla againn air Gaidheal agus Gaidhlig a bharr air Irish—facail a’s fhasa ’n tuigsinn agus bu choir a bhi taitneach leis gach aon. Mu sgriobhas an t-Ollamh Henebre air Gaelic Phonology cha ’n urrainn do neach a bhi ’gearain; ach mu tha e ’m beachd gum bu choir do na Gaidheil Albannach Irish a ghabhail orra fhein agus air an cànain, cha chuidich e dad leis an aonachd air am bheil e cho deidheil. Do charaid dileas, MAC-IAIN. Nobh. 28, 1898. [TD 148] [Vol. 7. No. 19. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DESEMBER 2, 1898. AN SAOGHAL TROIMHE CHEILE. Chaidh na neoil ann an tomhas seachad a bha ’bagairt cogadh a dheanamh ann an uine ghearr eadar an Fhraing agus Breatunn. Thug an Fhraing iomadh oilbheum do Bhreatunn o cheann deich bliadhna; ’us thainig an t-àm anns am feum luchd-riaghlaidh Bhreatuinn an coirean fein a dhion agus a sheasamh, ged a b’ eiginn doibh an claidheamh a tharruing as a thruaill. Cha ’n eil, mo thruaighe, moran tuigse no gliocas acasan a tha ’stiuradh long na Frainge. Ged tha iad gleusda, tapaidh ’us deanadach ann an iomadh doigh, tha na Frangaich a’ dol sios gach latha ann an seasmhachd, ann an onoir, ann an soirbheachadh, agus ann am morachd. Co nach cuala iomradh air Dreifuis, aon de cheannardan feachd na Frainge? Is e Iudhach a tha ann, agus is ann bho dhaoine measail a thainig e. Gun aobhar foilleasach no ceart air bith, chuir daoine mora na feachd as a leth gun robh e mi-dhileas agus gu robh e ag innseadh do na Gearmailtich nithean diomhair agus cudthromach mu dheibhinn feachd ’us innleachdan cogaidh na Frainge. Co luath ’s a dh’ eirich an t-amharus so, thoisich glaodhach ’us burralaich eagalach am measg nam Frangach. Thainig na ceannardan arda gus a’ chomh-dhunadh gur e Dreifuis, an t-Iudhach, a bha ciontach. Dh’ eirich naimhdeas mor an aghaidh nan Iudhach; agus gun ceartas air bith ’fhaotainn, agus gun cothrom air e fein a dhion agus a neo-chiontachd a dhearbhadh, chaidh a dhiteadh, agus ’fhogradh thar a chuain gu Guiana, ann an America mu dheas. Cosmhuil ri Ruisia tha ’n Fhraing daonnan ullamh air tair ’us tamailt a charamh air na h-Iudhaich bhochda. Am feadh a tha iad samhach agus umhail do ’n uachdaran ’s do ’n lagh, c’arson nach faigheadh iad fardaich, ’us tearuinteachd, ’us caoimhneas ann an dùthaich air bith? Is ann, da rireadh, do Bhreatunn fein a bhuineas am meas agus an onoir airson aoidheachd ’us didein a thabhairt do gach neach a ghiuileanas e fein gu beusach agus gu siobhalta. Cha ’n ’eil ioghnadh ged tha Frangaich a’ togail an guth gu dalma, duineil, ard as leth Dhreifuis, agus a’ cumail a mach gu neo-sgathach gu deachaidh eucoir narach a dheanamh air. Tha ’n fhirinn a’ tighinn a mach uigh air n-uigh gu d’ fhuiling an ceannard Iudhach euceart maslach agus gur ann le breugan uamhasach a chaidh a dhiteadh. Tha ceannardan uaibhreach an fheachd le ardan amaideach ag radh nach feum smal, no amharus, no mi-chliu tighinn air deadh ainm feachd na Frainge. Is e ’tha gu soilleir ’n am beachd gur e ’n fheachd an Fhraing, agus gur ann do ’n fheachd a bhuineas comas, ’us cumhachd, ’us ainm, ’us riaghladh na dùthcha gu h-iomlan. Is ro-bhochd agus is ro-chunnartach an latha ’thig air dùthaich no air daoine air bith an uair a theid laghannan siobhalta ’s onorach a thilginn bun os cionn, agus a ghabhas ceannardan airm aite luchd-riaghlaidh a tha deonach ceartas a dheanamh ris gach neach ’us eucoir a sheachnadh gu tur. Is eiginn gur e daoine breugach, cealgach, truaillidh a tha ann an ceannardan arda ’s mor-chuiseach feachd na Frainge. An deigh do aon cheannard innseadh gu do sgriobh e litir mhosach, bhreugach an aghaidh Dreifuis, chuir e lamh ’na bheatha fein. Dh’ innis ceannard eucorach eile gur esan a sgriobh paipeir eile leis an robh iadsan air am mealladh a thug binn chruaidh a mach an aghaidh Dhreifuis. Gheibh, ma dh’ fhaoidte, an Iudhach bochd ceartas mu dheireadh. Theid a’ bhinn atharrachadh. Gheibh e ’shaorsa ’rithist; agus bithidh gach duine aig am bheil speis do’n fhirinn, ’us do’n cheart, ’us do ’n ionracas, ag amhairc sios le tair ’us spid air na ceannardan eu-ceillidh, baoghalta ’dh’ innis breugan co eagalach an aghaidh an Iudhaich. Tha ’n t-àm gun amharus air teachd anns am feum gach Frangach foirmeil, ionraic, fior, a ghuth a thogail airson crioch a chur gu luath agus gun acarachd air ughdarras nan ceannardan breugach, mi-onorach, a tha ’gabhail orra fein gnothuichean na feachd a chumail ann an ordugh iomchuidh. Mur bheil iarrtus aig an Fhraing a h-aitreabh a thilginn air an lar, cuireadh i uaithe—gun sgoinn, gun truaghas, gun dail—na ceannardan mi-bheusach agus bhreugach ud; agus cuireadh i bunaitean ura, fior, fallain fo gach oisinn ’us cuibhrionn de aitreibh luachmhoir na Frainge. Tha sith ’us samchair a togail an cinn air deireadh thall ann an eilean Chrete. Tha cuimhne aig MAC-TALLA ’s agam fein air an aramach a thog na Greugaich anns an eilean so;—Greugaich oga gun ghliocas a thug cogadh fuileachdach, cosdail air a’ Ghreig an aghaidh nan Turcach. Chuir rioghachdan na Roinn-Eòrpa cabhlach no dha ’chur sios aramach Chrete. Cha d’ rinn na ceannardan cabhlaich moran maith. Bha Iompaire na Gearmailt daonnan ’n an aghaidh agus air taobh an t-Sultan agus nan Turcach. Ged tha piuthar an Iompaire posda ris a’ mhac a’s sine aig righ nan Greugach, b’ fhearr gu mor fada leis cairdeas a nochdadh do ’n t-Sultan mhosach, bhruideil, agus comhnadh a thabhairt da fein ’us da Thurcaich. Cha robh e comasach do righrean na Roinn-Eòrpa tighinn gu cordadh mu dheibhinn an uachdarain a chuireadh iad thairis air Crete agus na Creitich. Bho chean miosa no dha thoisich na Turcaich air an t-sean abhaist, agus air mort ’us marbhadh a dheanamh. Chaidh saighdearan Breatunnach (Gaidheil am measg chaich) a mharbhadh, gun aobhar, gun trocair, on bu Chriosduidhean a bha annta. Rainig ceannardan cabhlach Bhreatuinn, na h-Eudailt, na Frainge, ’s Ruisia gu sgipidh am baile anns an deachaidh am marbhadh uamhasach so ’dheanamh. Chuir gun teagamh na ceannardan an comhairle r’a cheile, agus chuir an ceannard Breatunnach, Noel, gaisgeach mearganta, fios teann a dh’ ionnsuidh Pasha ’bhaile anns an do mharbhadh saighdearan Breatunnach agus daoine eile, gu feumadh e na daoine ’rinn am marbhadh a liubhairt suas, oir mur liubhradh e suas iad ann an da latha, gu fosgladh e fein agus na ceannardan a bha maille ris, an gunnachan mora air a bhaile, ’s gu loisgeadh iad gus an lar e. Chaidh fios a chur gun tamh a dh’ ionnsuidh an t-Sultan. Rinn esan oidheirp air stri ’fhadadh suas eadar na rioghachdan, mar is abhaist da. Fhuair e freagradh diongmhalta nach cuireadh rioghachd air bith grabadh air na ceannardan. Fhuair Noel greim air an luchd-marbhaidh, agus an deigh doibh a bhi air an diteadh, chaidh aireamh diu ’chrochadh an lathair luchd-aiteachaidh a’ bhaile gu leir. B’ eiginn do na saighdearan Turcach ’us do gach Pasha an t-eilean fhagail gu buileach ’us gu brath. Tha mi ann an dochas gu d’ eirich latha ciuin, grianach air eilean Chrete. Rinn na rioghachdan roghainn de Phrionnsa Seoras na Greige, gu bhi ’na uachdaran air Crete; ’s bithidh sinn a’ guidhe gu cinn gu maith leis, agus gu dean e moran sonais ’us soirbheachaidh a bhuileachadh air gach mor ’us beag, ann an eilean iomraiteach Chrete. CONA. Gheibh thu am MAC TALLA agus am Family Herald and Weekly Star fad bliadhna air son dolar gu leth. Gheibh thu mar an ceudna dealbh “The Thin Red Line,” a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, agus a bu chòir a bhi aig a h-uile Gàidheal ’na thigh. ’S ann air son cothrom a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA an dealbh sin fhaotainn a tha’n tairgse so air a toirt seachad. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 149] [Vol. 7. No. 19. p. 5] LITIR A CEAP NOR. A CHARAID,—Bha mi’n duil gu’m rachadh agam air litir a mhìos so a sgrìobhadh o chionn seachduinn, ach a chrùnadh gach ni bha cur eis orm, de thainig a’m rathad an raoir ach aon de na creutairean truagha sin d’an goirear anns a bheurla na tramps Labhruidh am fear ud Gàilig, ach ’s i Bheurla, ’s docha leis. Saolidh mi gu bheil e seachad air an tri fichead, ach ged thà e sin fhein, (agus fholt ’us fheusag air faàs gle liath), tha dochas aige gu’m bi e cho fortanach ’s gun teid aige air mnaoi fhaotuinn dha féin mu’n tig deireadh a’ là. ’S ann a thug e gu’m chuimhne a mhuinntir òg a dh’ fhaighnich de’n t-seann mhaighdean, a’ bha thairis air an tri fichead ’s a deich, de ’n aois a bhiodh a leithid-se mu’n tugadh i suas a duil ri posadh. ’Se fhreagair i gu’m feumadh iad a cheist sin a chur ri te bu shine na ise. Air Di-mairt s’a chaidh bha sinn a mach a feuchainn ri comhairleach a thaghadh. B’ iad Dunnchadh Dòmhnullach agus Murchadh Mac Leoid a bha stri r’a cheile, agus ’s e ’n Leodach a bhuannaich an là. Neo-ar-thaing mur deachaidh an sluagh a mach an là ud. Na’n robh iad air a dhol a mach cho math a chur catha ri namhaid sgriosach ar dùthcha—an deoch laidir—b’eireachdail da-rireadh a nì e. Mo thruaigh cha’n ann mar sin a bha ann an cearna sam bith de ’n t-siorrachd so. Dh’ innis mi ’cheana gu’n d’ thug da fhichead ’s a còig an guth a’n aghaidh na deoch làidir anns an àite so, agus dithis air a son. Ged tha sinn a gearan an àireamh dhiubh-san a’ bhòt an aghaidh na deoch a bhi cho tearc, ’s ann a tha iad ri ’moladh ’n uair bheirear fainear cho ro thearc ’s a bha iad an àiteachan eile. Tha e air aithris gur h-e ochd-duine deug a bha eadar Smokey agus ceann shuas a Chladaich sin, aig an robh uiread a shùim de’n ghnothuch chudthromach ud ’s gu ’n deachaidh iad a mach as an taighean air a shon; agus bha cuid a dh’àiteachan eile ’cheart cho fada sin air ais. Cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil mòran dhiùbh-san a dh’fhan aig an taighean air an là ud, a cleachdadh ’bhi ’g radh, “Thigeadh do rìoghachd.” Na’n rachamaid a thoirt breth a reir mar a rinn iad, chanamaid gur h-i rioghachd an dorchadais a tha iad a miannachadh. Cò nach do leugh cosamhlachd an deadh Shamaritanaich, far am bheil air e innseadh dhuinn mu’n duine chaidh sios o Ierusalem gu Iericho, a thuit am measg luchd-reubainn mar a bhuin iad uaith udach, a lot agus a dh’fhag iad e leth mharbh ’s an t-slighe mar a ghabh sagart àraidh seachad r’a thaobh gun suim sam bith a ghabhail dheth, agus Lebhitheach, gu h-an-iochdmhor air an taobh eile. Ach cho luath ’s a chunnaic Samaritanach àraidh, a chor truagh, ghabh e truas mòr dheth; ni a dhearbh e leis a chùram a ghabh e dheth. B’ easan a mhain a dhearbh e fein mar choimhearsnach dhà-san aig an robh feum air a chomhnadh. A nis, faodaidh sinn uile deadh leasan fhoghlum o ’n chosamhlachd so. ’Se luchd-reic droch làidir, luchd-reubainn a’s mò bha riamh air an talamh. Tha iad a’ rùsgadh na muinntir a tha tuiteam ’n am measg, de ’n cuid agus de’n cliu; agus a greasad gach aon neach nach teid a shaoradh uatha, a dh’ ionnsuidh sgrios siorruidh. Tha ’mhuinntir nach do bhòt an aghaidh na deoch, ’nuair a bha ’n cothrom aca, cosmhuil ris an t-sagart agus an Lebhitheach an-iochdmhor, agus iadsan a bhot, cosmhuil ris an t-Samaritanach iochdmhor, throcaireach, aig am bi a chliu air a leughadh agus air a sheinn fhad ’o a bhios daoine ag àiteachadh an t-saoghal so. M. D. Ceap Nòr, Nobh. 19, ’98. Na fàg ni sam bith gun dheanamh a ta freagarrach ann an cùis n’an obair a ta dligheach a bhi deunta. Measar cumhachd an duine leis an ni air an cuir e crioch, agus an h-ann leis an ni air am feud e ionnsuidh a thabhairt. Cu-chaoraich America Mu Dheas. Anns a’ cheàrn sin do dh’ America mu Dheas ris an abrar na Brazils, chìtear treud mhòr chaorach air am buachailleachadh le cù no dhà, na h-uiread do mhìltean o thigh ’s o dhuine. Tha e ’cuir iongantas air coigrich ciamar ’tha leithid so do chàirdeas air àrach eatorra. ’Nuair tha’n cuilean fìor òg, tha e air a thoirt air falbh o ’mhàthair, agus air a thogail maille ris na caoraich. Theid té dhiubh a ghlacadh tri no ceithir a dh’ uairean ’san latha, agus a cumail ris a chuilean gus an deòthail e i. Tha leabaidh chloimh air a dheanamh dha ’san fhang, agus cha leigear leis air choir sam bith cuideachd a ghleideadh ri coin eile, na eadhon ri cloinne an teaghlaich. Le bhi air oileanachadh air an dòigh so, cha ’n eil déigh sam bith aige air an treud fhàgail; agus dìreach mar a dhìonas cù eile a mhaighstir an aghaidh nàmhaid, ceart mar sin dìonaidh na coin so na caoraich. Cha luaithe ’bheir iad an aire do neach tighinn dlùth air an treud na thòisicheas iad ri tathunnaich; agus cruinnichidh na caoraich nan deigh, mar is bitheanta a chunnacas iad a’ deanamh mu thimchioll an reithe is sine ’nam measg. Tha e air ionnsachadh dhoibh, mar an ceudna, na caoraich a thional dhachaidh aig àm àraidh ’san fheasgar. Thig an cù so dh’ionnsuidh an tigh a h-uile latha a dh’iarraidh béidh, agus cha luaithe ’gheibh e sin na shìabas e air falbh, mar gum biodh e ’gabhail nàire an treud a bha’n earbsa ris fhàgail co fada. Tha na coin-thighe anbharrach garg ris air na h-àmanna so, agus sinidh an gasan as lugha dhiubh air, ach cha luaithe ’ruigeas e an treud na thionndanas e mu’n cuairt gu còmhraig, a’ tathunnaich gu dian—nì ’nuair a’ chì laorain na luatha, gabhaidh e’n ruaig, agus ’earball eadar a chasan. Tha mòran do choin-fhiadhaich ’san dùthaich so, ach cha’n eil a’ dhànadas aca oidheirp a thoirt air treud a bhios air am buachailleachadh leis na cìobairean so. Thainig air an fhear-deasachaidh a dhol air cuairt ghoirid do Nobha Scotia air an t-seachdain so, agus ma tha an aireamh so dhe ’n phaipeir na ’s miosa no na’s fhear na na h-aireamhan eile, tuigidh an leughadair gu de is coireach. Cha ’n eil teagamh againn nach bi cuid ag ionndrain naigheachdan na seachdain, ach smaoinicheadh iad sin air an t-sean-fhacal a tha ’g radh gur math an naigheachd a bhi gun naigheachd. Feudar firinn, subhailc agus sonas a bh’ air am faineachadh o chéile, ach cha’n urrainn iad a bhi air an eadar-dhealachadh. Theid iad mar pheathraiche gràdhach, dlùth dhaingnichte r’a chéile, agus a’ boillsgeadh soluis na diadhachd ann an cridhe an duine. Aig airgiod agus ùine tha mòran an luach féin. Cha’n urrainn an tì a chuireas an t-aon gu droch bhuil, an t-aon eile ’chur gu deagh bhuil. Cha’n ’eil còir aig duine sam bith a dheanamh mar a thoilicheas e, ach an uair a thoilicheas e an ni sin a ta ceart a dheanamh. Cha ’n eil duine ann cho suarach ’na chaith-beatha ’s nach feud a ghiùlan a bhi chum lochd d’a choimhearsnach. BAS. Ann an N. E. Margaree air Di-luain s’a chaidh, an 28mh latha de Nobhember, Lachuinn Domhnuilach, ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. Rugadh e ann an sgireachd Chille-mhoire, ’san Eilean Sgiathanach. Thainig e mach do’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1828, agus an deigh dha bhi còmhnuidh ùine ghoirid air Point Edward, chaidh e gu Margaree, far an d’ fhuirich e gu àm a bhàis. Is mac dha Iain A. Domhnullach, fear-lagha, a bha fad àireamh bhliadhnaichean ’na bhall de’n ard-pàrlamaid air son siorrachd Victoria. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. Nov. 4, ’98. tf REULTAIREACHD. INNSEAR T’ FHORTAN, agus an obair no ’n gnothuch a’s freagarraiche dhut a bhi ris, air son 25 sentichean. Leughadh cinnteach a reir nan reul air a thoirt do gach neach. Innis am do bhreith. “ASTROLOGER,” Box 70, Sydney, C. B. Am bheil thu air son a’ Ghàidhlig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 150] [Vol. 7. No. 19. p. 6] O DHONULL MAC LEOID. FHIR-DEASACHAIDH,— Tha Ghrian a’ dol fodh’, thugaibh feart, Nach saoil sibh mo cheistachan faoin, ’S cinnteach gar mor a bha neart ’Sa’ Làmh chur air tùsa riut sruin. C’ait am ’eil toiseach do shlighe? Ciod e ’n t-àit’ am eil thu a’ dol? De seorsa sealladh a chithear, ’San àite tha thall air do chùl? C’ait an d’ fhuar thu do sholus? ’Ne gual no ’ne pronnuse a th’ann? Ciod e, ma theirgeas dhuit connadh, A dh’ eireas da d’ rionagan fann? ’Nuair chi mi thu ’g eiridh ’sa’ mhaduin ’Sa sgapadh nan rionagan ciùin, ’Nuair chi mi thu ’trial ’nad mhaiseachd Cha mhor nach lùb dhuitsa mo ghluin. ’Si ghealach ni contraigh ’us rothard, Rinn Polucs do ’n maraichean feum; Dh’ innseadh i dhaibh c’ait an robh iad! Ach ’s tusa ban-dia mhor nan speur. Na abraibh gu bheil mi ro ladurn A’ moladh an t-soluis ’na chùrs, Mar deaninn na briathran so labhairt Bhiodh talamh ’us creagan gam bhùirt. Leugh mi le mor thlachd an dà laoidhe do ’n ghrian a thug Cona dhuinn o chionn ghoirid. Tha nàir’ orm sgriobhadh gu MAC-TALLA leis na rinn Cona de mholadh orm; cha ’n ’eil mi creidsinn gu bheil mi nam ghille cho math ’sa tha e ag ràdh. Aig an àm cheudna tha pròis orm air son gun deachaidh “guth Chona” a thogail suas cho gasda ’gam mholadh. Ghabh mise a chomhairle, agus tha an dà laoidh agam air bhàrr mo theanga. Tha mi ’gabhal riutha mar bhriathran Oisein fein. Tha mi ’toirt ceud mìle taing do Chona airson gun d’ thug e dhuinn na laoidhean àluinn so. Tha e soilleir gu robh Oisein de’n bharail gu’n teirgeadh solus ’us blaths na gréine, agus gu ’n tigeadh an àm anns am biodh i “Doillear mar ghealach nan trath;” “aosda, lag liath;” agus, “a siubhal ’s na speuribh mall.” ’S i sin barail speuradairean an latha ’n diugh. Thubhairt speuradair ainmeil—Hucsli air neo Proctor—ann an òraid ri Comunn Rioghail nan Speuradairean, ann a Lunnain, gu ’n tigeadh an t-àm anns am biodh an comunn sin a’ suidhe aig an coinneamh bhliadhnail agus cota-mor de bhian mathan geal na h-àirde tuath air a h-uile duine dhiubh, a bhàn gu ’sàilean, air son an cumail blàth. Agus mu dheireadh gu ’m biodh i na guailean tioram gun solus gun bhlàths. Tha na speuradairean ag radh gu bheil a’ ghrian a dol air astar, agus sinne comhla rithe, ’dh’ ionnsuidh àit-eigin ’san àirde tuath. Faodaidh i bualadh ann an seann ghrian dhorcha eile uair-eigin, agus ni na dha aona ghrian mhor, mhaiseach a’s gloirmhoire na a’ ghrian againne. Co aig am bheil fios nach “bith aoibhneas air solus na h-oidhche,” ’nuair chi iad an Solus Ur sin. Tha eagal orm gu bheil mi a sgriobhadh gu MAC-TALLA ro thric agus nach ’eil mi ’toirt cothrom dhuibh a bhi ’g innse mu dheighinn an “Amadain Chrotaich.” Bha mi cho aighearach mu “Oisein do ’n ghréin,” ’s nach b’ urrainn mi ’bhi ’nam thosd. Gu ma fada comas sgriobhaidh Gàidhlig aig Cona. Tha e cho comasach air sgriobhadh Gàidhlig ’s gu bheil e toirt nam chuimhne rud a thubhairt Oisein mu Shruth Chona, ’nuair a bhiodh i ’toirt leatha mìrean de a bruachan, leis gach craobh ’us clach, agus ’gan ioman roimpe car mu char. Slàn leibh. DONULL MACLEOID. AN CREACHADAIR SUAIRCE. Sgeula Gaidhealach. Tha ’n sgeula beag so a leanas na naigheachd fior, agus tha e leige ris duinn nàdur nan Gàidheal anns na lìnntibh a dh’ fhalbh, agus cor na dùthcha. Bha na Gàidheil, mar rioghachdan eile bha san aon dòigh riu fein, comasach air fiughantachd mhor a nochda, no air dioghaltas an-iochdmhor agus cealgach a ghnàthachadh. O chionn ceud bliadhna, bha Iain Gunn na chreachadair comharraichte ann an Siorramachd Inbhernis, agus bha e togail cìs-mheachainn, (black-mail) ionnas gu ruig baile Inbhernis. Bha san àm sin, feachd laidir anns an daighneach, ach cha robh luchd-malairt an airgid san àm sin anns gach baile mor mar tha iad an trà so, agus ’s ann bu nòs leo airgiod a chuir a dhioladh an airm, o Cheanna-bhaile na rioghachd, le duine as an robh iad earbsach, agus beagan de luchd-comhaideachd maille ris. Thachair do ’n duine aig an robh an t-airgiod air an àm so, gum b’ eiginn da stad aig tigh suarach òsda, mar dheich mìle fichead do Inbhernis. Mu fheasgar thainig duin’ eireachdail san éididh Ghaidhealaich a stigh. Cha robh doigh air seòmar fa leith a thoirt do gach ’fear, agus b’ eiginn doibh cur suas leis an aon seòmar. Le mor shuairceas thairg an Sasunnach roinn d’a shuipeir do ’n Ghaidheal, a ghabh i le càileiginn de mhoit. Le iad a bhi seanachas thuig àn Sasunnach gun robh an Gaidheal eòlach air gach cearna de ’n dùthaich, ni a bhrosnuich e gu iarraidh air an fhear eile dol leis air an là am màireach. Cha do cheil e air a ghnothuch, no na bha air a ghiùlan, no idir an t-eagal a bh’ air as a chreachadair ainmeil sin Iain Gunn. Smuaintich an Gaidheal car tiota ris fein, ’s an sin dh’ aontaich e gu cridheil falbh leis mar fhear-iùil. Dh’ fhalbh iad sa mhaduinn; agus air dhoibh a bhi ’g imeachd ann an gleann fàsail, uaigneach, theann iad ri labhairt mu Iain Gunn. “Am bu mhaith leat fhaicinn?” a deir am fear-iùil; agus gun fhuireach ri freagradh fhaotainn, rinn e fead, agus ann an tiota bha ’n Sasunnach agus a chuideachd bheag air an cuairteachadh le àireamh mhòr Ghaidheal, co lionmhor ’s nach robh feum dhoibh cuir nan aghaidh. “A choigrich,” thuirt am fear-iuil, “is mise a cheart duine roimh bheil eagal ort, agus cha’n ann gun chionfàth; oir is ann a dh’ fhaighinn fios cinnteach m’ an rathad a bha thu ra ghabhail, a thainig mis’ an raoir chum an tigh-òsda, chum gun d’ thugainn fein agus mo cheatharna uait na tha air do chùram. Ach cha ’n urrainn domh làmh a chur ort an deigh na h-earbs’ a chuir thu annam, agus leigidh mi air falbh uam thu gun dochair air bith.” Thug e ’n sin seoladh do ’n t-Sasunnach mar dheanadh e a mach an rathad, agus thug e choill’ air le chuid dhaoine, co ullamh ’sa thainig iad roimhe ann am follais.—An Teachdaire Gaidhealach. B’ fhearr Comunn na h-Asail. Bha righ Spàinteach ann aon uair, leis am b’ àill a bhi ’na bhàrd, agus gu dearbh bha e féin am beachd gu ’n robh e mar sin; ach cha do shaoil muinntir eile sin. Rinn e dàn neonach uair, agus dh’ aithn e do ’n bhàrd aige a bharail a thoirt air. Thuirt am bàrd nach robh aige ach barail bhochd air. Le sin ghabh an righ moran feirg agus corruich agus thug e aithne do cheannard nan saighdearan am bàrd a thoirt do ’n stàbull, agus e a bhi air a cheangal taobh ri taobh le asail a bha an sin. Bha am bàrd bochd air a chumail anns an aite sin ré beagan mhiosan gus an d’ rinn an righ duan eile. An sin thugadh e an làthair an righ, a thuirt ris gu ’n leughadh e an duan da, agus an deigh sin gu ’m b’ eiginn da a bharail a thoirt air. Leugh an righ e; agus ’nuair a rainig e a’ chrioch dh’ amhairc e air a’ bhàrd. Cha d’ thubhairt am bàrd facal, ach thionndaidh e a dh’ ionnsuidh nan saighdearan agus thuirt e, “Thoiribh air ais a dh’ ionnsuidh na h-asail mi.” DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 151] [Vol. 7. No. 19. p. 7] Nithe Nuadh agus Sean. ’S fhearr dol timchioll na tuiteam ’s an dige. Tha sinn foghlum ni-eigin eadhon o challdachd. Tomhais an t-aodach tri uairean mu ’n gearr thu’n deise. Tha facal caoimhneil cho furasda ’ràdh ri facal crosda. Bha iasad a ghabhail ’sa thoirt riamh air feadh an t-saoghail. Buille ’s gach aon chraoibh ’s gun aon chraobh ’g a bristeadh. Glé thric tha beagan molaidh co-ionnan ri mòran di-molaidh. Mar is àirde chraobh is ann is mò a gheibh a’ ghaoth greim oirre. Cas air creathaill, ’s làmh an cuigeil, comharradh na deagh mhna tighe. Tha ’chùram fhein aig gach latha; ach tha ’latha fhein aig gach cùram. Ceannsaichidh a’ h-uile fear an droch-bhean, ach am fear aig am bi i. Cha ’n urrainn cridhe glan a bhith aig an fhear aig am bheil teanga shalach. Am fear a tha math gu trod, faodar a bhith cinnteach gu bheil e math gu labhairt. Feumaidh iadsan nach cuir ’s an Earrach a bhi ’g iarradh na deirce ’s an Fhoghair. Cha’n fhuiling a’ bhreug an solus fhaicinn; ach is e an solus is fhearr leis an fhìrinn. Cuidichidh biorana beaga nis fearr na feadhain mhòra chum an teine ’bheothachadh. Na tri rudan is daoire th’ ann: 1. Uibhean chearc. 2. Feoil mhuc 3. Glòir chailleach. Na sia buaidhean a bha cumail suas na Féinne: 1. Agh Fhinn. 2. Lamh Ghoill. 3. Prab-bhuillean Oscair. 4. Iomairt ealamh Oisein. 5. Ruith chruaidh Chaoilte. 6. Suidheachadh Chonain air a’ chath. Arsa bean-uasal diadhaidh, ’nuair a fhuair i fios gun do bhàthadh dithis de cloinn. “Tha mi faicinn nach bi Dia toileach mar bi ‘m’uile’ chridh’ aige, agus ’s e féin is airidh air.” ’S ann mar so tha uile phobull De, bheir iad mil as gach meas a chruthaich Dia, ’s e sin chi iad a ghairdein ann an uile oibridh a fhreasdail. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 152] [Vol. 7. No. 19. p. 8] Oran mu Bhliadhna Thearlaich. LE ALASTAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR. FONN:—“Let history record.” ’S fuar, fearthuinneach gach lò, Gach oidhche dorcha doinionnach; ’S tùrsach, donn gach lò, Mortaidh, trom le ceò; Ach, mosglaibh suas, a shlòigh, ’Sur n-airteal trusaibh chum ur cairteal’, ’S cartaibh bhuaidh ur bròn; Tha léug ri muir ’s ri spéur, Ri bhi aig Æolus ’s aig Neptun, ’S thig gach tlachd ’n a déigh. Thig soinionn leis an rìgh, Teichidh sneachd a’s éire bhuainn; Fògrar dòruinn shìon, Thig sòlas, falbhaidh pian; Gach seòrsa de gach fìor, Thig bho ’n Fhraing ’n a thunnaichean, ’S gu’n caisg sinn uil’ ar n-ìot’; Gheobh sinn tuil de ’r miann, ’S mu ’r naimhdean dh’ fhàg sinn uireasbhach, ’S dlùth chuireas sinn ar lìon. O sheanchaidhnean nan Clann, Suas, deanaibh eachdraidh éifeachdach. O, sheanchaidhnean ’s an àm, Glacaibh dubh a’s peann, Se a’ bhliadhna chòrr, An tilg a’ ghrian le maoth-bhlàs biadhchor Gaithean ciatach òirnn; Bidh driùchd air bàrr an fheòir, Bainne ’s mil gun luach, gun mhargadh, Airgiod agus òr. Na gabhaibh sìth bho Dheòrsa, Le ’r dòchus neartmhor, fìrinneach, Creidibh dìan ’s a’ chòir, Gu ’n tig reliobh na ’s leòir, Na biodh ur dòchas fann; Gur h-ann a réir mar chuireas sibh, A bhios ur buinnig ann; O, fuirichibh, a Chlann, Chì sibh ur n-uil’ ulreasbhuidh, ’G a bhuinnig le cruas lann. Ciod è do cheart s’ air crùn, Ach adhaircean bhi sparradh ort? ’S co sean ri d’ chòir bho tùs, Brìos òrcheaird bha ’n Renfrew; Ach bha ion-faileis ann, De thruadar de achd pàrlamaid, A dh’ fhoil an crùn mu d’ cheann; Ach tog so leat ad sgéith, An t-Uilleam rinn an t-achd dhut Gu ’m b’ éucorach e fhéin. Dean aithre tùrsach, géur, ’S grad-thoir air ais na th’ agad bhuat; Dean aithre guineach, ’s géill, ’S le br-m—bhuic toilich d’ fhéum. Cùm agad do chuid fhéin, ’S leig bhuat còir an atharraich, Gun chlaidheamh, gun dad stréup; Dia, daoine ’s nàdur tréun, Bidh ann a léig mu ’n oighr’ Thoirt dachaidh, choibhreas ceart a thréud. Craobh-sheanchuis teaghlaich rìgh, Na h-ìochdarain bidh eòlach uimp’; Craobh-sheanchuis teaghlaich rìgh, Bidh map dh’i ’n ioma tìr; Ma chuirear car am bi foinn’ ’S an t-snathainn dhìreach oighreachdail, Gu ’n toir fo-near an fhoill; Ach gairmidh Dia le sgoinn, Chum an ionaid dhleasannaich Ceart-oighre deas an loinn. Cha ’n ’eil an leithsgeul ann, Ach saobhadh fann mì-dhiongmhalta; ’S i ’n éucoir shoilleir th’ ann, Do neach a bheirteadh dall; Ma ’s creideamh an aon chùis, Chionn nach d’ fhuair e oideachd Anns an teagasg a rinn Lùth;* O! na ’m b’ e sin an càs, C’ uime chuir sibh shinn-seanair Gu mì-rùnach gu bàs? Cha ’n ’eil ur gaol do ’r rìgh, Ach mar air an t-s—rsaich choitchionta; ’S cioglach staid ur rìgh, Cuairt thoirt dà ’s bhi sgìth; Gu ’n d’ fhògair sibh e rìs, Le ’r n-iomluas, sliochd a’ mhartair sin, Le ascaoineachd ur crìdh’ ’S an déigh sin ged thug bhuaibh Do Anna crùn a sìnnsirean, Gu’n ’phuinnseinich sibh luath. O! ’s caol an téud, a Dheòrsa, Air ’n a sheinn thu gu trì rìgheachdan; Gur meallt’ an t-achd le ’n ’chleòc Iad thusa ad rìgh òirnn; Tha leth-chéud pearsa ’s còrr, Is faisge fuil a’s tagraichean, Na thusa, ’s an Roinn-Eorp; Bu leth-oireach, lag, cam, Am miar boirionn ás ’n a bhuineadh thu, B’ fhìor-iomallach ’s a’ chrann. O! ’n cullach sin righ Deòrsa, Mac na craine Gearmailtich; ’S e chairdeas ruinn, ’s a dhàimh, Gaol fithich air a’ chnàimh; Gu ’n d’ fheann e sinn bho ’r béin; Ghlac a’s chreach an cealgaire, ’S gu ’n ’mharbh e sinn gu léir, Na daoine cha leis fhéin, ’S ann uime sin gu ’r coma leis, Ged phronnamaid a’ chéil’. An leanabh nach leis fhéin. Ged dheanteadh dà leth-chothrom dh’ e. Cha tiomaich e le ’phéin; A chrìdh’ gun tlus, gun déur, ’S amhuil sin mar thà, Ged chuìrteadh h-uile Breatunnach Gun mhàinn, gun chead gu bàs; Bho ’n nach leis fhéin am pàisd, Cha ghluaist’ an neach nach b’ athair dha, Gu fàbhar no gu bàigh. Greas ort, a Shéumais chaoimh, ’S tu ’s rìgh ’s is athair talmhaidh dhuinn Fo ’n athair néamhaidh, naomh; Gabh tlus ri d’ chloinn ’s bi caoin, ’S bho ’n is leat fhéin a’ chlann, Cuir casg air croich ’s air géuragan, Tha réubadh dhinn nan ceann; ’S cuir do thréud fo lann, ’S na leig a bhi ’g ar géur-leanmhainn, Feadh garbhlaich, shléibhtean, ’s bheann. Mo chion-sa Tèarlach ruadh, Ceart oighre ’n fhìor rìgh dhleasannach; Cha toir sinn dutsa fuath Gu’n cuirear sinn ’s an uaigh, Cha dean croich no tuagh, Glacaireachd no creachannan, Gu bràch ar sracadh bhuat; Tha ’n diog ud ceangailt’ shìos, Ad caigeann ris gach anam dhinn, Cho daingeann ri Beinn-shiannt. Och, a rìgh nan dùl, Na leig neart a ghnàth thar cheart; O chòin! Aon Dhia ’tha d’ thriùir, ’S ann dut is léir gach cùis; Tog dhinn a’ mhuc ’s a cuing, ’S a h-àl breac, brothach, uirceineach, Le ’n cuid chrom-shoc, thar tuinn; ’S cart gu glan Whitehall, Air chionn an Teaghlaich Rioghail sin, Bha ’n sìnnsrean ann an tàmh AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. * Luther. [TD 153] [Vol. 7. No. 20. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 9, 1898. No. 20. LITIR A ALBA. Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach; Bodachan a’ ghàraidh Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA,—Tha mi ’faicinn gu ’m bheil cuid dhe na Gàidheil chòire a tha gu riaghailteach a’ leughadh a’ MHIC-TALLA mi-thoilichte a chionn gu ’m bheil thu ’toirt dhuinn nan “Sgeulachdan Arabianach.” Tha aon is aon dhìubh, tha mi ’tuigsinn, a tha ’g ràdh nach ’eil drannadh annta ach na tulla bhreugan. A nis, tha mi ’n dòchas nach bi dad agadsa an aghaìdh dhomhsa beagan a ràdh mu ’n chùis; agus tha mi ’n dòchas mar an ceudna, nach gabh na daoine, laghach a tha ’gearain air na “Sgeulachdan Arabianach” gu h-olc uamsa beagan fiosrachaidh agus comhairleachaidh a thoirt dhaidh. Faodaidh duine sam bith anns am bheil tùr a thuigsinn gu ’m bheil dealachadh mòr eadar sgeulachd agus eachdraidh. Ach rachadh agamsa air iomadh dearbhadh a thoirt seachad, gu ’m bheil barrachd fìrinn, agus mòran a bharrachd teagaisg, ann an iomadh sgeulachd na tha ann an iomadh eachdraidh. Leigidh sinn leis a’ chùis so an drasda, do bhrìgh nach ceadaich ùine no àite dhomh an corr a ràdh. Tha earrann mhòr dhe na “Sgeulachdan Arabianach” fìor gu litireil. Tha na daoine a tha ’dol o àm gu àm air chuairt gu ruige Arabia, agus dùthchannan eile na h-Aird an Ear, ’ga innseadh so dhuinn. Tha agus bha inntìnnean mòrain de shluagh na h-Aird an Ear cho farsuinn, cho cumhachdach, agus cho làn de spiorad na bàrdachd ’s gu ’n robh iad ag ràdh agus a’ sgriobhadh iomadh ni nach b’ urrainn a bhith fìor gu litireil. Tha briathran dhe ’n t-seòrsa so a’ tachairt ruinn ann an Leabhar Naomh Dhé. Tha Eoin, an deisciobul a b’ ionmhuinn le Iosa, a’ criochnachadh an t-Soisgeil a sgrìobh e leis na briathran so:—“Agus a ta mar an ceudna mòran de nithibh eile a rinn Iosa, agus nam biodh iad uile sgrìobhte, is i mo bharail nach cumadh an saoghal fhein na rachadh a sgrìobhadh de leabhraichibh.” Tha fhios againn nach ’eil e comasach do na briathraibh so a bhith fìor gu litireil; ach cha ’n fhaigh sinn coire dhaibh, do bhrìgh gu ’m bheil iad air an deachdadh leis an Spiorad Naomh. Bha inntinn an Abstoil naoimh cho làn le smaointeanan àrda mu thimchioll na rinn agus na labhair Iosa ’s nach robh e ’n comas dha gun na briathran cho làidir ’sa b’ urrainn e a ghnàthachadh, a chum meud na h-oibre a rinn Iosa a chur gu soilleir fa chomhair an t-saoghail. Cha ’n ’eil mi idir a coimeas a’ Bhiobuill ris na Sgeulachdan. Is fhada chuirinn o chéile iad. Ach tha mi ’comharrachadh am mach, gu ’m bheil an dòigh labhairt a bha aig sluagh na h-Aird an Ear ’san àm a dh’ fhalbh, agus anns an àm a tha ’n lathair, tur-dhealaichte o ’n dòigh labhairt a tha aig na daoine a tha ’n diugh beò, agus a’ leughadh a’ MHIC-TALLA. Thuirt duine cho foghluimte agus cho diadhaidh ’s a bh’ ann am Breatunn ri ’linn, gu ’m bu chòir do gach neach aig am biodh toil fios fhaotainn mu thimchioll nan dòighean agus nan cleachdaidhean a tha cumanta am measg an t-sluaigh ann an dùthchannan na h-Aird an Ear, na “Sgeulachdan Arabianach” a leughadh le cùram gu tric. Am beagan dhaoine a tha ’gearain air na Sgeulachdan so, tha iad ’g am meas fhein na ’s diadhaidhe na daoine eile. Tha iad a’ meas gur e peacadh mòr a th’ ann a bhith leughadh Sgeulachdan. Tha h-uile ministir ’san rìoghachd so, agus tha mi ’creidsinn, ann an America, a’ caitheamh earrann mhath dhe’n ùine anns na Colaistean a’ leughadh agus ag eadar-theangachadh Sgeulachdan Laidinn agus Greugaisg—sgeulachdan anns nach ’eil a leith uiread a dh’ fhìrinn ’s a th’ anns na “Sgeulachdan Arabianach.” Fear sam bith nach creid so, cuireadh e ’cheisd ris a’ mhinistear a tha e ag éisdeachd, agus innsidh e dha gu ’m bheil mise ag innseadh na firinn. Their neach, C’ar son a bhiodh na daoine òga a tha ’g ionnsachadh a bhith ’nam ministearan a’ leughadh Sgeulachdan? Tha, chionn gur e so an dòigh air an fhearr a dh’ ionnsaicheas iad Laidionn agus Greugaisg. Is ann ’s na sgeulachdan a tha ’chuid a’s fhearr dhe gach cànain ri fhaotainn. Is beag a tha mòran de Ghàidheil an t-saoghail a’ smaointean, gur ann air na sgeulachdan a bha air an aithris gu tric ri taobh iomadh teine anns na linnibh a dh’ fhalbh bu chòir dhaibh taing a thabhairt air son na deadh Ghàilig a th’ aca. An uair a sguireadh a dh’ aithris nan sgeulachdan, thòisich a’ Ghàilig ri dhol air a h-ais. Tha ’Ghàilig a nis a’ beòthachadh as ùr, agus is e aon dhe na h-aobhair, gu ’m bheil daoine a’ sìor fhàs na ’s measaile air na sgeulachdan. Fuilingidh mi air a shon mur aidich do luchd-leughaidh, a charaid, gu ’m bheil taghadh is raghadh na Gàilig anns na “Sgeulachdan Arabianach.” Agus nach ann gus a’ Ghàilig ionnsachadh gu math ’s gu ro mhath a tha iomadh fear a’ ceannach ’s a’ leughadh a’ MHIC-TALLA? Ged a tha ’n litir so fada gu leòr mar tha, feumaidh mi ni eile ainmeachadh mu ’n sguir mi. Tha na “Sgeulachdan Arabianach” làn de theagasg luachmhor. Dh’ fheumainn-sa mòran litrichean a sgrìobhadh mu ’m b’ urrainn domh trian dhe na teagasgan a chunnaic mi anns na leugh mi dhiubh aithris ann an sgrìobhadh. Ach gabhamaid te no dhà dhiubh. Tha eachdraidh nan caladairean agus nam mnathan uaisle a’ cur gu soilleir fa ’r comhair gu ’n tig bròn is éis is mi-chliù air gach neach a bhios ri misg, ri mi-bheus, ri eas-onair, ri breugan, agus ri foirneart. Tha eachdraidh Shinbaid a’ teagasg dhuinn, gu ’m feum gach neach a gheibh saoibhreas le ’shaothair fhein, a dhol troimh iomadh cruadal is cruaidh-chàs. Tha i mar an ceudna a’ teagasg dhuinn gu ’n toir daoine iomadh dragh is trioblaid is cunnart na ’n rathad fhein le bhith tuilleadh is sanntach. Anns a’ cho-dhunadh their mi nach ’eil aon te dhe na Sgeulachdan nach tug mòran fiosrachaidh dhomh. Is ainneamh leabhar a leugh mi riamh—saor o ’n Bhiobull—a thug uiread fiosrachaidh dhomh ’s a thug iad o ’n a thòisich mi ri ’n leughadh. Tha mi ’n dochas gu ’n gabh thu mo leithsgeul a chionn an litir so a bhith cho fada; ach cha b’ urrainn domh a deanamh na bu ghiorra. Bidh an ath litir na ’s giorra. Is mi do charaid an latha chi ’s nach fhaic, BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, Oidhche seann Samhna, 1898. NA GIOSRAGAN. Bha ar ceud-sinnseara ann an Alba, ’g an toirt fein suas gu mor do nithe ro lionmhor de ’n ghné so. Bha iad a toirt géill do thaibhsean de gach seòrsa, do bhuidseachd, do fhiosachd, do dhruidheachd, do gheasadaireachd, agus nithe de ’n t-seòrsa sin. Bha reachdan cruaidhe air an dealbhadh le Ard-chomhairle na rioghachd, agus mar an ceudna le Ard-sheanadh na h-eaglaise chum peanas a dheanamh orrasan a bha ’cleachdadh druidheachd no buidseachd. Agus cha ’n e mhàin sin ach chuireadh moran gu bàs a bha ’cumail a mach gu ’n robh cumhachd na druidheachd aca. Bha moran air an cur gu bàs gu neo-chiontach, do bhrìgh an t-iomradh a dhol a mach gu ’n robh iad comasach air nithean ana-cneasda a dheanamh. Cha ’n e mhàin gu ’n robh a chùis mar sin ann am Breatunn; bha an ni ceudna a gabhail àit’ air mor-thir na Roinn-Eòrpa, agus mar an ceudna ann an America—gu h-àraid am Massachusetts. ’S e b’ aobhar da so gu ’n robh na h-amannan sin dorcha, agus gu ’n robh gach àrd agus ìosal air an toirt gu taobh gu mor le fuar-chràbhadh ’s ’s le saobh-chreideamh. Tha e air a radh gu ’n d’ rinneadh an crochadh mu dheireadh ann an Alba air son buidseachd ann an Dòrnach, ’s a’ bhliadhna 1722, ceud agus tri fichead bliadhna ’s a sia deug air ais. ’S e seann chailleach thruagh a bha ann. Bha i air a diteadh le Dabhaidh Ros, Siorra Ghallaobh. Tha e air a dheanamh a mach nach lugha na ceithir mìle a chuireadh gu bàs ann an Alba a mhàin air son an aobhair so, a thuilleadh air na chuireadh gu bàs ann an dùthchannan eile. Mu dha cheud gu leth bliadhna roimhe so, thugadh gairm gu cuirt, le ordugh an righ, do Chatriona Ros, Ban-tighearna Fodhlais, a chionn gu’n d’ rinn i suas ri buidsichean gu cur as do Raibeart agus do dh’ Eachann Munro, d’ an robh an oighreachd dligheach. Ghnàthaich i gach cleas ’n a comas, maille ris na ban-bhuidsichean sin chum bàs nan daoine sin a thoirt mu ’n cuairt. Rinn iad cuirp-chreadha dhaibh, agus ghnathaich iad gach mallachd a bha ’n an lorg. Fhuair a’ bhain-tighearn’ a saorsa a chionn gu ’n robh an luchd-deuchainn air a taobh. Ach cha leig sinn a leas a dhol cho fad’ so air ais a dh’ iarraidh dream a bha creidsinn ann am buidseachd agus a bha, mar an ceudna, cur obair buidseachd an gniomh. Bha Iain Rothach a toirt iomraidh anns a MHAC-TALLA an uiridh, air té a rinn corp-creadha an Ceap Breatuinn, do neach do ’n robh gamhlas aice. Ach ni de chron cha d’ rinn sud air an duine. B’ aithne dhomh-sa am boirionnach gu math; cha ’n ’eil fios agam nach ’eil i beò fathast. Bha uair ann ’s bhiodh i air a losgadh gu bàs air son cumhachd nach robh aice. So far a bheil an [TD 154] [Vol. 7. No. 20. p. 2] t-eadar-dhealachadh. Bha daoine aig an àm o shean a creidsinn gu ’n robh cumhachd aca sud, le geasan, air euslaintean a chur air daoine ’s air feudail, air na mairbh a thogail, air toradh na talmhainn a mhilleadh, agus air a dhol ann an riochd nan cat gu sgrios a dheanamh anns gach àite. Cha ’n ’eil an creideas sin aig daoine an diugh. Tha eolas de gach gné air a chraobh-sgaoileadh am fad ’s am farsuing; agus eòlas trid am beil gach cleasachd, fiosachd agus druidheachd a’ teicheadh mar na h-eoin-oidhche, agus ’g am fallach féin ann an ionadan tiamhaidh an dorchadais. ’S mor an t-aobhar taingealachd a th’ againn gu ’m bheil cùisean air atharrachadh anns an dòigh so. Bha moran creideas aig na Gaidheil o shean ann an droch shuil. Bha iad de ’n bheachd gu ’n robh cuid de dhaoine aig an robh buaidh mhi-shealbhach dluth-cheangailte riutha air dhòigh ’s nach robh e tearuinte iad a shealltuinn le ’n sùil air mart, no each, no caora a bu le ’n coimhearsnach. Cha ’n e mhàin sin ach bha e air a chreidsinn leo gu feudadh neach aig an robh shùil cron a dheanamh air a chuid feudail féin, seadh gu ’n robh cumhachd millteach na droch shùila aige air a ghnathachadh an aghaidh a thoil fein. So cuid de ’n t-saobh chreidimh a lean fada ris na Gaidheil, agus is gann a tha fathast air dol gu tur bàs ’n ar measg. (Ri leantuinn.) MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. IV. ANN AN GLASACHO. An uair a chaidh mi air tìr air a’ cheidhe ann an Glasacho, cha robh fhios agam cia ’n taobh a bheirinn m’ aghaidh. Bha na marsantan ag amharc an déigh an gnothaich fhein; oir cha bu luaithe a ràinig am bàta an ceidhe na thainig dithis no triùir a bha toileach na h-uighean a cheannach. Bha leisge orm iarraidh air fear seach fear dhiubh a dhol comhladh rium gu taigh caraid dhomh a bha astar math shuas am baile. Cha robh sgeul agam air fear an taigh-òsda; oir thug e ’chasan as cho luath ’s a ràinig am bàta an ceidhe. Ghabh mi romham air mo shocair fhein suas an t-sràid. Bha mo shùil air gach taobh dhiom ’s mi gu curamach a’ gabhail beachd air gach ni a bha mi ’faicinn. Thuirt mi rium fhein gu ’m feuchainn ri mo rathad a dheanamh gu taigh mo charaid cho math ’sa dh’ fhaodainn gun dragh a chur air aon neach dhe na bh’ anns a’ bhàta comhladh rium. Thachair leith sheann duine rium am measg na mor-chuideachd a bha ’g am dhomhlachadh air an t-sraid, agus leis cho tlachdmhor ’s a bha ’n aghaidh aige, thuirt mi rium fhein gu ’m feoraichinn dheth an robh an t-sraid air an robh mo charaid a’ fantuinn fad air falbh. An uair a bhruidhinn mi ris sheas e, agus dh’ amharc e orm tiotadh mu ’n do fhreagair e mi. “Cha robh thu riamh roimhe ’s a bhaile so?” ars’ esan. “Cha robh,” arsa mise. “Ma ta, laochain, tha mise toirt comhairle ort, agus ma bhios tu glic gabhaidh tu i. So agad i: Na cuir tuilleadh ’s a’ chòir a dh’ earbsa ann an neach sam bith a thachras riut gus am bi lan-dhearbhadh agad gur fhiach e earbsa a chur ann. Tha mise ag aithneachadh air do dheadh dheise chlòth gur ann as a’ Ghaidhealtachd a thainig tu, agus o ’n a tha gu leor dhe ’n fhuil Ghaidhealaich a’ ruith gu bras ’nam chuislean-sa, tha bàigh agam gu nàdarra ris a h-uile Gaidheal a thachras rium. Ach ged a tha e ’na chuis naire ri innseadh, thug fear no dhà dhe na Gàidheil an car asam; agus tachraidh fear is fear dhiubh riutsa a dh’ fheuchas ri do char a thoirt asad, ar neo tha mise air mo mhealladh. Ach fhad ’s a bhios an deise mhath chlòth sin umad, is e na Gaill a’s dòcha dragh a chur ort” Thug mi taing dha cho math ’s a b’ aithne dhomh air son na deadh chomhairle a thug e orm; agus thuirt mi ris gu ’m bithinn ’na chomain na ’n innseadh e dhomh an robh an t-sràid air an robh mo charaid a’ fantuinn fada uam. “Gabh mo leithsgeul,” ars’ esan; “dh’ fhaighneachd thu sin dhiom roimhe, agus cha d’ innis mi dhut e. Gabh romhad mar a tha thu gus an teid thu seachad air dà shràid. An sin tionndaidh thun na laimhe cli, agus coisichidh tu suas gus an ruig thu ceann na sràide. Gabh air d’ aghaidh gus an ruig thu sràid chaol a tha dìreadh suas bruthach cas. Agus an uair a dhìreas tu am bruthach gabhaidh tu suas mu dheas, agus faisge air ceann na sraide sin tha taigh do charaid.” Thug mi taing dha a rithist, agus ghabh mi air m’ aghart. Tha mi cinnteach gu ’n tugadh an seòladh a thug an duine còir dhomh a dh’ ionnsuidh taigh mo charaid mi, na ’m burrainn dhomh a leantail; ach bha mi a cheart cho aineolach air an rathad gu taigh mo charaid ’s a bha mi mu ’n do thachair e idir orm. Leis na bha de neoil air na speuran cha robh sealladh air a’ ghrein, agus ged a bhitheadh, cha ’n ’eil fhios agam an deanainn am mach an àird a’ tuath seach an aird a’ deas aig an àm. Ghabh mi air m’ aghart ’s mi ’n dùil gu ’n deanainn mo rathad gun cheisd a chur air duine tuilleadh. Cha ’n urrainn mi radh co dhiubh rinn mi astar mòr air feadh a’ bhaile no nach d’ rinn; oir bha m’ aire air na bha mi faicinn ’s a’ cluinntinn mòran na bu dlùithe na bha m’ aire air an astar a bha mi ’cur ’nam dhéigh. Mu dheireadh sheas mi aig oisinn sràide, agus gun fhios agam ciod an taobh air an tugainn m’ aghaidh. Cha robh mi fada ’nam sheasamh an uair a dh’ fhairich mi duine ’cur a laimhe air mo ghualainn. Sheall mi thar mo ghuaille, agus bha polisman ’na sheasamh air mo chulaobh. Ghabh mi miapadh an uair a chunnaic mi e. Dh’ aithnich e gu ’n robh car do dh’ eagal orm roimhe. “Na biodh eagal sam bith ort ’ille òig,” ars’ esan ’s e ’labhairt rium ann an Gailig; “ciod a tha ’toirt ort a bhith ’nad sheasamh an so?” Dh’ innis mi dha gu ’n robh mi ag amharc air son taigh caraide dhomh, agus nach robh mi ag amas idir air. “Is aithne dhomh do charaid glé mhath,” ars’ esan; “ach tha thu fad o ’n taigh aige. Thig a nall comhladh riumsa gu taobh eile na sràide, agus coisich sios is suas gus an tig mise bhar am bheil thu. Cha bhi mi fada gun tighinn. Theid mi comhladh riut gu taigh do charaid.” Rinn mi mar a dh’ iarr e orm. Agus ann an ceann leith uair thainig e, agus dh’ fhalbh sinn comhladh. Dh’ fhaighneachd e dhiom an uair a bha sinn a’ coiseachd air ar n-aghart co mi, c’uin a thainig mi do ’n bhaile, agus co thainig comhladh rium. Dh’ innis mi dha, agus mu ’n do chuir sinn crioch air na bh’ eadrainn de chomhradh rainig sinn taigh mo charaide. B’ e fear taigh-òsda a bha ’nam charaid, agus bha e gle mhath air a dhòigh aig an àm ud; ach mar is minic a thachair a dh’ fhear dhe sheòrsa, chaill e a chuid gu buileach mu ’n d’ fhàg e an saoghal. Bha teaghlach ghillean aige do ’n d’ thug e sgoil is ionnsachadh is ceaird; ach cha ’n ’eil fhios agamsa co dhiubh a tha iad beò no marbh. Cha chuala mi guth no iomradh air a h-aon aca o chionn dlùth air fichead bliadhna. Bha mo charaid ’na dhuine còir, caoimhneil, foscarra, agus b’ ainneamh Gàidheal a rachadh do Ghlasacho nach taghladh air. Bha taigh-comhnuidh mòr, farsuinn aige, agus bu tric leis cuid na h-oidhche a thoirt do dh’ fhear-dùthchadh sam bith a ruigeadh e. Bha fhios agamsa mu ’n d’ fhalbh mi o ’n taigh gu ’m b’ e mo bheatha fuireach anns an taigh aige fad mhios, nan tograinn. An uair a rainig mi an taigh aige chuir e failte chridheil orm; ach thuirt e, “Cha toigh leam a bhith faicinn ghillean òga mar a tha thusa ann an cuideachd ’nam polisman.” An uair a thuirt e so, chaog e ris a’ pholisman. Thuig mi glé mhath nach robh e ach a’ debhearsain. Thug e làmh air botul, agus thug e deagh dhram do ’n pholisman. “Ol sin air mo shlàinte fhein agus air slàinte an duine òig a tha air ùr-thighinn as a’ Ghaidhealtachd. Cha toir mi deur dha fhein. Tha ùine gu leor aige, ma bhios e beò, gu ionnsachadh mar a dh’ òlas e dram. Agus na ’n gabhadh e mo chomhairle-sa cha chuireadh e glaine ri ’bheul ri ’bheò.” “Tha do chainnt a’ cur mòran ioghnaidh orm,” ars’ am polisman. “Mur òladh daoine uisge-beatha, cia mar a sheasadh tusa, agus gu leòr a bharrachd ort, bhur casan. Tha thu pàigheadh màl mòr air son an taighe so, agus tha do chuid dhe ’n t-saoghal glaiste anns an uisge-beatha.” “Tha sin fior gu leòr, a Dhomhuill; ach mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, ‘Tha car eile an adhairc an daimh.’ Na ’m biodh tusa an so gun fhalbh as mar a tha mise, chitheadh tu iomadh rud a bheireadh ort a bhith ’creidsinn gur e fior dhroch obair a th’ agamsa. Cha ’n ’eil an obair a th’ agam gu math aon chuid do m’ chorp no do m’ anam. Air eagal diumbadh dhaoine caoimhneil a thig an so a chosnadh, feumaidh mi blasad air an uisge-bheatha na ’s trice na bu chòir dhomh. Gu math tric cha bhi sannt agam air greim bìdh a ghabhail, agus tuigidh tu fhein nach urrainn duine sam bith nach gabh riaghailt dhe ’n bhiadh a bhith aon chuid slan no buan. A bharrachd air so, tha mòran de chomhradh amaideach, de bhaoth-shùgradh, agus de nithean nach ’eil iomchuidh a’ dol air aghart anns an taigh so, agus anns a’ h-uile taigh eile dhe sheòrsa. Cha ’n ’eil mi leigeadh le aon fhear dhe m’ chuid mhac suidhe no seasamh an so, no idir deur a reic. Tha iad fhathast ro òg air son car a dheanamh an so, agus ma dh’ fhaodas mise, cha bhi taigh-òsda aig fear seach fear dhiubh fhad ’s a bhios mise beò.” Bha mise ag éisdeachd leis a h-uile cluais a bha ’nam chlaigionn ris na bha mo charaide còir ag ràdh, agus cha bu mhisde mi dad na thubhairt e. Dh’ fheòraich e dhiom ciod an obair a bha ’nam bheachd a leantuinn. Thuirt mi ris nach robh fhios agam gus an cuirinn mo chomhairle ri mo charaide, Seumas Mac Leoid, ann an Duneidionn. “Ged a tha mise agus Seumas anns na h-oghachan, cha ’n ’eil meas mòr sam bith agam air. Ged a tha e ’na dhuine glic, faicleach, measail, deanadach gu leòr, tha e ro Ghallda ’na bheachdan ’s ’na dhòighean. Cha ’n aill leis aon fhacal Gàilig a labhairt. Tha mise glé eòlach air, agus mar olcas ris bidh mi mar is trice a’ labhairt ris ann an Gailig. Ach aithnichidh mi air gu ’m b’ fhearr leis gu mòr mi labhairt ris ann am Beurla. Nach ann a thuirt e rium an latha mu dheireadh a thaghail mi air, gur i a’ Ghàilig a dh’ fhàg sluagh na Gàidhealtachd cho bochd ’s a tha iad. Dh’ fheòraich mi dheth an robh daoine bochda ann an àite sam bith eile ach anns a’ Ghàidhealtachd. Thuirt e gu ’n robh. “Am bheil daoine bochda am measg nan Gall?” arsa mise. “Tha gu leòr,” ars’ esan. “An i a’ Ghàilig a dh’ fhàg bochd iad?” arsa mise. “Cha ’n i,” ars’ esan. “Nach iongantach leam thu bhi cur ceisdean dhe ’n t-seòrsa sin ormsa.” “Is iongantaiche na sin leamsa duine fiosrach, tuigseach mar a tha [TD 155] [Vol. 7. No. 20. p. 3] thu fhein a bhith cumail am mach gur i a’ Ghàilig is coireach gu ’m bheil iomadh duine ann am bochdainn ’s ann an éis air feadh na Gàidhealtachd. Tha na daoine bochda mòran na’s lionmhoire ann am baile mor, beairteach Dhuneidinn na tha iad air feadh na Gàidhealtachd. Agus am measg na bheil de dhaoine bochda ann an Duneidionn ’s an Glasacho, cha ’n fhaighear fear anns a’ cheud aig am bheil aon fhacal Gàilig. Ciod e their thu ris a sin? Dearbh dhomhsa gur i a’ Ghàilig a tha ’fàgail cuid dhe na Gàidheil bochd, agus creididh mi thu. Ged nach ’eil mise, a Sheumais, cho fiosrach agus cho foghluimte riutsa, tha tomhas riaghailteach de thùr nàdair agam, agus tha fhios agam gu ’n robh, gu ’m bheil, agus gu ’m bi daoine bochda am measg gach treibh, agus sluaigh, agus cinnich fo ’n ghréin.” Dh’ éisd e rium gu foighidneach, ach tha amhrus agam nach tug mi car as a bheachd e. Tha daoine ann a tha cho fada ’n am barail fhein ’s nach ruigear a leas teannadh ri comhairle ’thoirt orra. Ach mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Ge b’ e nach gabh comhairle gabhaidh e cam-lorg.” (Ri leantuinn.) SGEUL AIR SEALGAIR NAM FIADH-GHABHAR. Ann am baile beag a measg nam beann, thachair do bhuachaillean ghabhar a bhi cruinn air oidhche gheamhraidh; bha iad a cur seachad na h-aimsir mar bu ghnà ag aithris sgeulachdan, ag innse naigheachdan, agus a’ gabhail dhuanag. Bha iad nan daoin’ òga, an àird a neirt; agus thionndaidh an còmhradh air éuchd agus trèubhantas an gniomhara gaisgeil fein; an ionnsuidhean dàna air bearra nan creag; luaths’ agus seòltachd an con, agus a liugha dol as miorbhuileach a bha aca fein a sealgairachd nam fiadh ghabhar, o sgairneach gu sgairneach.—Dh’ innseadh iomad sgeul a bha iongantach ri éisdeachd, co dhiùbh bha na nach robh iad fìor.—Anns a chuideachd so, thachair do sheann duine àraidh a bhi làthair air leth o chàch, nach do labhair a bheag o thainig e stigh—ach dh’ éisd e gu furachair ris gach sgeul a chaidh aithris leis na lasgairean òga—gach fear dhiubh ag innseadh gach caol-thearnadh o’n d’ thainig e fein, air muir agus air tìr. Air uairibh, gu dearbh, bheireadh e gne de thogail air a ghuaillnibh,—dh’ amhairceadh e suas gu mullach an tighe. Thòisich e ri cronan beag òrain fo anail—an sin thionndaidh e a shùil air na fleasgaich òga, le seorsa amharuis na ghnùis, mar nach bitheadh e uile gu léir a’ credsinn gach sgeul a bha iad ag innseadh. Bu chiatach, eireachdail an duin’ e, fior samhladh na chruth ’s na dhealbh air seann laoch Gaidhealach; a dhà shùil ghorm co beo thogarrach ’sa bha iad riamh. Bha chumadh gu féitheach calma, agus ged a bha e ni-èiginn air searga le aois bha e soilleir gun robh e na òige na chorp stailin, ’s na anam teine. Aig a chois na chuairteig am blàs an teine, bha madadh molach glas, aosda mar bha a mhaighstir, agus do réir coslais neartmhor, lùghmhor. “Cha chreid mi,” arsa fear do na daoin’ òga, ’s e tionndadh a nunn a dh’ ionnsuidh an t-seann laoich, “nach seann sealgair a tha againn an so; mar ’eil mi mealta, bha e fein agus a chù glas an garbhlach nam beann co tric ri h-aon againn.” “Cha’n fheud mi aicheadh,” a deir esan, “nach do chuir mi seachad a chuid a b’ fhearr de ’m làithean a’ ruagadh a bhuic, ach cha tainig mi as gach gàbhadh co tearuinte ribhse. Fhuair mi mo dhochann gu tròm, ge nach ’eil aobhar gearain agam, ach mòran cionfath a bhi taingeil do’n Fhreasdal chaomh a theasraig mi. Chuala mi air an oidhche nochd iomadh sgeul iongantach agaibhse m’ar tapachd fein, agus a liutha caol thearnadh o ’n d’ thainig sibh; ach bu duilich leam do rireadh nach cuala mi aon aideachadh uaibh mu chaoimhneas gràidh agus suil-choimhead an Ti ghràsmhor a chum ar ceumanna o shleumhnachadh, agus ar n-anama o dhol sios gu bàs. Oigridh ghaolaich! bha mise co òg ribhse, agus co moiteil as mo thapach fein; ach taing gan robh dhàsan a smachdaich mi na dhòigh fein, ann an caol thearnadh a dheonachadh dhomh air oidhche àraid, nach d’ thèid as mo chuìmhne am fad ’s bhios an deò annam.” Theann na buachaillean gu léir m’an cuairt d’ a le mòr urram, agus dh’ asluich iad air e dh’innse dhoibh na thachair dha an oidhche bha na bheachd. “Ni mi sin,” a deir esan, “agus cha chluinn sibh smid ach an fhìrinn. “Tha nis os cean fichead bliadhn o na thachair dhomh bhi mach, air là araidh, air a bheinn a’ sealg. Fhuair mi sealladh air gabhar fhiadhaich, agus mar bha mi g’ èaladh oirre, agus goirid o bhi ’n astar urchair dhi, thainig mi le dian chabhaig gu sgor craige co àrd sa bha san dùthaich, os ceann sluichd a bha na ceudan troidh air doimhneachd. Ann an dian-thogradh na seilge, ’s gun sùil a thoirt romham, gabhar roid agus leumar thairis chum àit’ a shaoil mi bha na chreig, no na thalamh diangean, ach ’s mis a bh’ air mo mhealladh gu goirt; oir ciod a bh’ ann ach meall mòr de shneachda reòdhta, a mhothaich mi leis a chudthrom a’ thainig air, a’ géilleadh fotham. Thug mi sùil os mo cheann agus faicear am meall sneachdaidh so a’ fuasgladh o’n chreig, amhaircear fotham, ach cha robh aigeal an t-sluichd ri fhaicinn; gun phreas no craobh a chuireadh grab’ air mi tuiteam. Thug mi ionnsuidh air greim a dheanamh air stachd a bha os mo cheann, ach ’se ’n ionnsuidh so a luathaich na thachair—chuala mi gleadhraich shlignich an t-sneachda rèodhta a’ dealachadh ò ’n chreig—charaich e rìs fotham—chaidh crith an uamhais roi ’m chuislibh uile—thainig reachd a’ m’ uchd—ghlaodh mi mach le oillt, ’nuair a dh’ fhairich mi nis an t-àit air an robh mi am sheasamh a’ fàillneachadh. O Dhe! arsa mise, chaidh as domh! A Thighearn, air sgràth Chriosd, gabh ri m’ anam! Bhrist am meall, agus air falbh chaidh mi; thainig tuaineulaich am cheann, agus chaill mi gach mothachadh! “’Nuair thainig mi gu m’ thùr bha ’m feasgar a’ ciaradh m’ an cuairt domh. Bha mi air mo chòmhdachadh le sneachda, bha mo shleadh seilge briste ri m’ thaobh, agus mo mhadadh dìleas na shìneadh air m’ uchd; chum mo dhìon o’n fhuachd. An creutair truagh, ars’ an seann duine, ’s deur a’ critheadh na shùill, is fad o dh’ fhalbh e, agus a mhac (is e ga bhrìodal aig a chosaibh,) tha e sean a nis; ach ge nach biodh agams’ ach aon ghreim arain, agus aon bhraon uisge, bu leis-san cuibhrionn diubh, air sgàth athar.” Dh’ amhairc a cù suas, mar gun tuigeadh e na thuirt a mhaighstir; oir dh’ amhairc e air leis a mhiòg-shùil bhlàth sin is gnà le coin a nochdadh dhoibhsan is caomh leo. “Mhothaich mi, ars’ an sealgair, mi fein gu rag neo-chlis gu gluasad, agus cnàmhan goirteis air feadh gach ball diom, co mòr agus nach b’urrainn domh aon dochann ainmeachadh thar dochann eile. Dh’ oidheirpich mi éiridh, ach nochd so dhomh c’ àit an robh an dochann bu mhò.—Thuit mi sìos a rìs,—bha mo shliasaid briste. A thuilleadh air so, bha dithis de mheoir mo làimhe deise air am briseadh, agus aon aig mo làimh chlì, agus bha mi gu h-iomlan air mo bhruthadh. Ach bha mi beo! agus an uair a dh’ amhairc mi suas air a bhinnein o’n do thuit mi, is gann a shaoilinn gu ’m b’urrainn da sin fein a bhith. “Bha ’n t-àite san robh mi a’ m’ shìneadh, na shlochd domhain eadar dà chreig, a’dol am farsuingeachd mar bha iad a’ sgaoile o chèile. Bha steall thoireannach uisge, mar mhuing eich fhiadhaich, a’ leum o’n chreig os mo cheann, ach a thaobh an doimhne, sgaoileadh e na cheo man d’rainig e far an robh mise. “Thòisich an oidhche ri ciaradh m’am thimchioll, agus sin ni bu luaithe le doimhneachd an àite san robh mi. Shèid a ghaoth gu doinionnach o cheithir àirdibh an aidheir, mar gu’m biodh còdhail aca san àite sin. Théaruinn mi o aon bhàs uamhasach, ach cha robh mi saor o eagal roi ’bhàs a b’ oillteile, a chionn gu robh e ni b’ fhadalaiche, agus ni bu doirbhe r’a fhulang. Bha eagal orm gum bàsaichinn leis an fhuachd, no leis an acras, no le mo chreuchdan nach robh air gabhail aca. Chaill mi gach dòchas, agus oidheirp sam bith gu ’m chomhnadh cha robh m’ chomas a dheanamh. Bha mo chù a’ donnalaich gu brònach ri m’ thaobh, agus an déigh dha aon sealladh muladach a thoirt orm, dh’ fhàg e mi. Nuair a chaill mi sealladh air dh’ fhairich mi mar gu’m biodh mo ghreim deireannach de’n bheatha so air mo thréigsinn, mar gu’m biodh caraid mo chuim air m’ fhagail gu bàsachadh. Shaoil mi, a deir mi, nach trèigeadh mo ghaothar glas mi; agus cha nàr leam aideachadh gun do shil mo dheòir. “Bha’n saoghal a nis, mar gu ’m biodh e, air a dhùnadh o’m shealladh gu bràth;—mo bhean, mo chlann, mo dhachaidh ghràdhach, cha robh fiughair ri’m faicinn ni ’s mò. Smuainich mi air sòlais an dachaidh sin, agus thuig mi cia deuchainneach an ni a bhi air ar gearradh air falbh o’n t-saoghals’, agus a liugha snuim laidir a ta gar ceangal ris. Mar dh’ iath an dorchadas m’am thimchioll, smuaintich mi air mo mhnaoi a bha gu h-iomaguineach a’ feitheamh farum na coise sin nach ruigeadh a dorus a chaoidh! Chunnaic mi, air leam, mo lurachain bheaga mhaoth nan suidhe m’ an ghealbhan, agus chuala mi briagail mhilis am beòil. Chunnaic mi’n cròithlein maoth ag èirigh chur fàilt orm a strì ri chéile cò bu luaithe a streapadh suas ri brollach an athar chum a phòg fhaotainn. Féidh-ghàire shòlasach am màthar ag altachadh mo bheatha, agus ag iarraidh air ar muirghinn bheag fuireach air an ais. Sud an dealbh a tharraing mi a m’ inntinn ách shéid a ghaoth, dhùmhlaich an dorchadas, agus thainig cadha uisg a nuas o ’n eas, a fhliuch mi, agus a reò air m’ uchdar. Bha mi air mo chuairteachadh le cas-chreagan uamhasach air gach taobh dhomh; b’ e ’n sneachda mo leaba—seadh, leaba mo bhàis. A m’ aonar, gun neach ris an deanainn mo ghearan, agus eadhon gun dùil gu ’m biodh mo chorp air a charamh le ùir mo shinnsir. As a so, a deir mise, cha ’n éirich mi tuille; ach ciod a dh’ èireas do m’ anam? So a cheist a dhùisg an t-uamhas. Thainig uile ghniomhara mo bheatha gu m’ chuimhne, an Dia gràsmhor air an d’ rinn mi dichuimhn, an Slanuighear caomh air an d’ rinn mi dearmad, an Spiorad Naomh a chuir mi na aghaidh, na cuireannan a dhiùlt mi, agus an t-siorruidheachd a bha nis a’ fosgladh fa m’ chomhair, thainig na nithe so uile nan làn uamhas a m’ làthair, agus dhùisg iad an iargain anama sin nach urrainn cainnt a chur an céill, agus air nach comasach dhomh smuainteachadh gun oillt. Bha mi mar so a m’ shìneadh a m’ chulaidh-thruais gu dearbh. Faidheòigh dhealruich fairleus an dòchais orm. Air mullach a bhinnein o’n do thuit mi, bha frith-rathad o’n bhaile san robh mo chòmhnuidh, gu baile beag eile mu thuaiream sé mìl’ air falbh. Cha do mheas mi so na mheadhon gu dol as; oir fo dhubhar oidhche is ainmig a bha iad ga thadhall. Ach ann an tiota, ’nuair is lugha bha fiughair agam ris, chunnaic mi pladha soluis a’ fann-shnàmh air an fhrith-rathad ud; agus smuaintich mi gur bh’ ann fear do mhuinntir a bhaile a’ dol dachaidh le lochrann. B’e (Air a leantuinn air taobh 158.) [TD 156] [Vol. 7. No. 20. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DESEMBER 9, 1898. LONGAN-SEOLAIDH. Tha an ear ’s an iar ann an Canada am measg cairdean lionmhor MHIC-TALLA, moran gun teagamh aig am bheil cuimhne mhaith air na longan beaga, suarach anns am b’ abhaist, o cheann leth-cheud bliadhna do na h-Eilthirich Ghaidhealach teachd thar a’ chuain stuadhaich bho thir nam beann ’s an fhraoich gu Canada. Bha e gle mhinic a’ tachairt, gu robh cuig no sè ceud, eadar dhaoine, ’s mhnathan, ’us clann, air an cur ann am broinn soithich truagha, leibideich, far nach robh ach beag comas carachaidh aca; far nach robh ach gle bheagan soluis ’us àite maith aca; agus far an robh cothrom sonruichte aig fiabhrus ’us iomadh seorsa an-shocair an ceann a thogail gu dalma ’s iomadh Eilthireach a thabhairt air falbh gu tir na tosdachd agus a’ bhais. Is e da rireadh, imrich chruaidh, dheuchainneach a b’ eiginn doibhsan a dheanamh a thainig thar a’ chuain bheucaich ann an longan bochd ’us mi-fhallain. Cha ’n ioghnadh ged bhitheadh doilgheas trom air daoine ’s mnathan gu do threig iad riamh gleann an oige ’s an dùthaich anns an do chaith an sinnsirean an laithean, agus far am bheil iad samhach ann an suain a’ bhais. Thainig iomadh long de ’n t-seorsa so gu Pictou agus gu ionadan eile anns na Roinnean ’tha ri taobh na fairge. Thainig iomadh long de’n t-seorsa cheudna nios air Amhainn an Naoimh Labhruinn gu Cuebec. Tha cuimhne mhuladach aig àireamh mhor a tha ’n diugh sona ’s aghmhor ann an Canada, air eilean a’ Chuarantine—focal Frangach so a tha ’ciallachadh da fhichead, agus a tha ’nochdadh gu bu nos do longan a thainig thar a’ chuain fuireach ré da fhichead latha, mun faodadh iad seoladh a stigh do ’n chala ’bha ’n am beachd; oir bhitheadh fios no cinnte anns an uine so, co-dhiu a bha galar basmhor no euslainteachd ghabhaltach air bith anns an long agus am measg an t-sluaigh a ghiulain i thar a’ chuain. Is e gu cinnteach riaghailt glic, feumail, a bha ’s a tha ann an riaghailt a’ Chuarantine; oir bhitheadh e ’n a ni amaideach ’us bronach gu tugadh Eilthirich galar no fiabhrus bàsmhor a stigh do ’n dùthaich, agus mar so gu sgaoileadh an-shocair eagalach air feadh na dùthcha, ’s gu bitheadh moran de luchd-aiteachaidh na tire ma dh’ fhaoidte, air an gearradh sios le galar a b’ urrainn iad a sheachnadh nam bitheadh faicill cheart, gheur air a cur an gniomh ann an àite sonruichte air bith ann an slighe nan long-seolaidh, agus mu ’n ruig iad bailtean mora na dùthcha. Is e Grosse Isle an t-ainm Frangach a tha ’n t-eilean faisg air Cuebec a’ giulan far am b’ eiginn do gach long-seolaidh a cursa ’stad, agus eachdraidh a thabhairt do lighiche ’n eilein, air slainte no an-shocair nan daoine ’bha air bord. Gus an latha ’n diugh feumaidh gach bata eireachdail smuide moille ’dheanamh aig an eilean so. Ma tha galar air bith innte cha ’n fhaigh i cead dol air a h-aghaidh gus am bheil gach cunnart galair seachad. Is lionmhor na h-Eilthirich a dh’ fhàg tìr an òige, ann an dochas gu faigheadh iad sonas, ’us maoin, ’us dachaidh bhunaiteach ann an Canada, a’ chaochail anns an eilean air an d’ rinn mi luadh, agus aig am bheil an uaigh ann an iomairean tiamhaidh, duscainneach Ghrosse Isle, ged tha i air a cuartachadh le uisge glan, fallain an Naoimh Labhruinn. Is iomadh cruadal ’us deuchainn a bha aig na h-Eilthirich ri fhulang agus ri ’chiosnachadh mum b’ urrainn iad eadhon toiseachadh a dheanamh air craobhan àrda na coille ’ghearradh sios a chum dachaidh iriosal a chur ann an seorsa orduigh air-son an teaghlaichean ’s iad fein. Bha dragh ’us sarachadh gu leoir aca ’nuair a dh’ fhag iad an long bheag, chumhann anns an tainig iad thar a’ chuain, agus a thionndaidh iad an aire gu Canada uachdrach far am b’ mhiann leo an dachaidh a dheanamh, on bha fearann a b’ fhearr, agus bha ’s tha riaghailtean ’us saorsa ’s fhearr ann, no ann an Canada iochdrach. Is ann le bataichean a bha air an tarruing le daimh no le eich, a b’ abhaist do na h-Eilthirich dol suas agus seachad air na sruthan casa ’tha ’n sud agus an so ann an Amhainn an Naoimh Labhruinn. Cha robh ach comhurtachd bheag, bhochd aig na h-Eilthirich a thainig do Chanada, bho cheann corr ’us leth-cheud bliadhna, anns na longan suarach a bha, aig an àm ud, a seoladh eadar an Roinn-Eòrpa ’us America. Bha faireachduinnean nan Eilthirich, am feadh a bha iad le gairdean treun a’ gearradh sios na coille, co-ionnan ann an tomhas mor, ris na smuaintean a tha ’m Bard Mac Illeathain a nochdadh air an doigh so, anns a’ Choille Ghruamach:— “Cha’n ioghnadh dhomhsa ged tha mi bronach, ’S ann tha mo chomhnuidh air cul nam beann Am meadhon fasaich air Abhainn Bharnaidh Gun dad a’s fearr na buntata lom. ’S i so an duthaich ’s a bheil an cruadal, Gun fhios do ’n t-sluagh a tha tighinn a nall; Gur olc a fhuaras oirnn luchd a’ bhuairidh A rinn le ’n tuairisgeul ar toirt ann.” Cha ’n eil eadar-dhealachadh a’s modha eadar buth dubh, dorcha, snidheach a’ chìobair agus luchairt bhoidheach, shnasmhor an duine bheartaich, na tha eadar na longan truagha air am bheil mi ’deanamh luaidh, agus na bataichean smuide lurach, laidir, foirmeil a tha ’siubhal an diugh gun tamh, gun sgios, thar gach loch ’us fairge ’tha fo ’n ghrein. Is gann a chreideas iadsan aig an robh eolas doilleir, deuchainneach air na longan biorach, bùrach seolaidh, anns an tainig mìle Gaidheal do Chanada, gu bheil a nis air feadh an t-saoghail gu leir soithichean-seolaidh agus bataichean-smuide fada, farsuing, laidir, leathann, a tha air an deanamh de ’n iaruinn ’s de ’n stailinn. Cha ’n fhaicear ach ainneamh a nis aon de na seana longan fiodha, agus is e culaidh-iongantais a tha annta ’nuair a chitear iad. An deigh do chrioch tighinn air na longan fiodha, thoisich longan air a bhi air an togail ann an tomhas mor, agus air an comhdachadh le copar. B’ abhaist do longan mora a bhi air an togail ann an Nobha Scotia, ’s a bhi air an cur gu dùthchannan cein, far an robh margadh maith r’a fhaotainn air an son. Rinn iomadh neach ann am Pictou ’s ann an ionadan eile, moran airgid air an doigh so. Thainig caochladh co anabarrach ’us co iongantach obann air deasachadh ’us air togail nan long, air chor ’s nach ’eil long-seolaidh a’ dol idir thar a’ chuain fharsuing ach gle ainneamh an diugh. Is e bataichean-smuide lamhach, lasgarra, luath anns am bheil an t-iaruinn ’s an stailinn a’s fearr, a tha ’giulan daoine ’s marsantachd bho phort gu port, bho dhùthaich gu dùthaich, bho Mhor-Roinn gu Mor-Roinn. CONA. BEACHD MU MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR. ’S e bh’ ann am Mac Mhaighstir Alastair duine misneachail, treun ’n a chorp ’s ’n a inntinn; agus fior Bhàrd. Duine a thug suas uile chridhe, uile neart, agus uile inntinn do Thearlach Stiubhart, co-dhiu ré tamuill. Duine a thoilleas urram agus meas airson nam feartan cuirp agus inntinn a bhuilicheadh air; agus, ann an tomhas co-dhiu, airson na buil gus an do chuir e iad. Ach cha b’e aobhar a Dhùthcha a dhùisg misneach an t-Saighdeir, no ’las anam a’ Bhàird. “Leanaidh mi cho dlu ri d’ shailtean ’S a ni bairneach ri sgeir-mhara.” ’S e sàiltean Thearlaich, ’s cha b’e sàiltean Albainn a leanadh am Bard cho dlù. Duine do-thuigsinn air iomadh dòigh; le buaidhean nach buineadh do mhòran—sùil gheur, cluas cheòlmhor, cuimhne laidir, eolas farsuing; ach le aignidhean borb; ’s le nadur cho salach ris na ronnan tombaca a bha ’n comhnuidh a’ sruthadh o bheul. Seinnidh e duanag cho binn ’s a chaidh a sheinn riamh an Gàidhlig; ann am maise ’Chruthachaidh gheibh e toil-inntinn nach fairich neach ach am Bàrd a mhàin; cluinnear “Fuaim ’us farum a’ bhlair” anns gach sreath de “Mholadh an Leoghainn:” ach ciod e dhe sin? Ma thig an neach is diblidh no is suaraiche társuinn air, fàgar maise na Banaraich; cha ’n ’eil sùil air àillidheachd Allt-an-t-Siùcair; theid eadhon aobhar Thearlaich Stiubhart a chur a thaobh; airson gach neimh, ’us puinnsean,’ us salaiche, a thilgeadh air an deoraidh thruagh a ghabh de dhànachd air fein a shuil a thogail, an uair a bha ’choimlisg iongantach so de Chlann Dhomhnuill “a’ gabhail an rathaid mhoir, olc air mhaith le cach e.” Gheibh thu am MAC TALLA agus am Family Herald and Weekly Star fad bliadhna air son dolar gu leth. Gheibh thu mar an ceudna dealbh “The Thin Red Line,” a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, agus a bu chòir a bhi aig a h-uile Gàidheal ’na thigh. ’S ann air son cothrom a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA an dealbh sin fhaotainn a tha’n tairgse so air a toirt seachad. [TD 157] [Vol. 7. No. 20. p. 5] NAIGHEACHDAN. Am bheil thu air son a’ Ghàilig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna. Tha na mèinnean guail anns a chuid so dhe’n eilean ri bhi air an obrachadh air a gheamhradh so, ni a bheir cothrom do na mèinneadairean nach robh aca do chionn àireamh bhliadhnaichean. Chaochail a bhana-bhárd Sgaithanach, “Mairi nighean Iain Bhain,” o chionn ghoirid, aig aois tri fichead ’s naodh deug. Cha robh i tinn ach ùine ghoirid. Tha dùil againn iomradh goirid a thoirt oirre anns an ath àireamh. Bha an làn-mara anabarrach àrd ann am lochan a Bhras d’Oir air an t-seachdain s’ a chaidh, gu h-àraich timchioll air Baddeck us Hogamah, far nach b’ àbhaist an làn ach gann a bhi ’g èiridh idir. Cha’n eil teagamh nach b’i an stoirm a bh’ann toiseach na seachdain a dh’aobharaich sin. Neach sam bith a tha air son leabhraichean fhaotainn air son na Nollaig ’s na Bliadhn’ Uire, sgriobhadh e gu A. McPhail, Orangedale, C. B. Tha àireamh mhor de Bhiobuill ’s de leabhraichean aige a tha freagarrach air son a bhi air an toirt seachad mar ghibhtean. Bha an dìnneir bhliadhnail aig a Chomunn Chaledòineach oidhche Fhéill Andrais. Bha àireamh mhath cruinn, agus chuireadh an oidhche seachad gu toilichte. Bha Fearchar A. Mac Fhionghain, a mhuinntir Loch Ainslie, a cumail ciùil riutha air a phiob mhòir, mar is math a theid aige air a dheanamh. B’ uamhasach an stoirm a bha ann toiseach na seachdain s’a chaidh; rinn i sgrios air am bi cuimhne fad iomadh latha ’s bliadhna. Chaidh àireamh mhor shoithichean a bhristeadh air cladaichean Nobha Scotia, New Brunswick, agus nan Stàitean Tuath. Chaidh aon soitheach-smùide, am Portland, a bha ruith eadar Portland agus Boston, a chall, agus cha do shàbhaileadh aon duine bh’ air bòrd—ceud ’s tri fichead ’sa dha dheug air fad. Anns na Stàitean, rinn an stoirm barrcchd de chall beatha ’sa rinneadh anns a chogadh a bh’aca ris an Spàinn. Tha dùill an ùine ghoirid ri àireamh mhiltean de luchd-imrich à Ruisia a thighinn do Chanada. ’Se Doukhoborts a theirear riutha, agus tha iad a thaobh aidmheil car coltach ris na Quakers. Cha’n eil iad a meas gu bheil e ceart do dhuine bhi ’na shaighdear, agus air son sin cha robh iad fhèin ’s luchd-riaghlaidh Ruisia a còrdadh. Tha iad a dol a thogail fearainn anns an Iar Thuath. Tha soitheach a tighinn an ùine ghoirid le faisg air da mhile dhiubh, agus tha mu seachd mile dhiubh a tighinn uile gu leir. Tha roinn airgeid aig a chuid a’s motha dhiubh, agus thatar ag radh gu’n dean iad deagh luchd-àiteachaidh. Tha an Spàinn an deigh striochdadh do na Stàitean; tha i a leigeil uaipe Cuba, Porto Rico, agus na h-Eileanan Philipeach. Tha na Stàitean ri fichead muillein dolair a thoirt dhi air an son. Cha’n eil aig an Spàinn a nise ach fior bheagan fearainn a mach as an Roinn-Eòrpa. Tha na Geancaich a gealltuinn gu’m bi saor-mhalairt do gach rioghachd anns na h-Eileanan Philipeach, ach a reir coltais tha iad a dol a chumail Cuba agus Porto Rico riutha fhèin. Tha muinntir Nobha Scotia a dol a chall air sin, oir bha malairt mhor eadar Halifacs agus Porto Rico o chionn aireamh bhliadhnaichean air an cuirear stad gu buileach fo riaghladh nan Stàitean. Ged a bha stoirm na seachdain s’a chaidh cho militeach, cha robh i ach an earainn bhig dhe’ n dùthaich so. Cha robh i aca idir ann am Montreal, no an iar air. Cha robh i gle dhoirbh eadhon ann an Ceap Breatunn. Chuireadh cnap òir a null do ’n t-seann dùthaich air an t-seachdain s’ a chaidh a b’ fhaich leth cheud mile dolair. Tha e ri bhi air a chur ann am banca ann an Lunninn, far am bi e air a shealltuinn mar ioghnadh. Fhuaireadh e, mar a dh’ fhaodte bhi cinnteach, anns a Chlondaic. Tha Breatunn a ceannach o Chanada còrr math us leth na tha a cuid sluaigh a cosg de chaise, agus ’s ann a sior dhol na’s motha a tha an tomhas a tha i ceannach na h-uile bliadhna. Tha e glé thaitneach le muinntir Chanada a bhi faicinn malairt ris an dùthaich mhàithreil a fàs na ’s motha agus na’s motha. FAILTE a chuireadh le Comunn Naoimh Andrais, am baile Hamilton, Ontario, gu comuinn dhe ’n t-sheòrsa cheudna anns na Stàitean. “Bu dàicheil riamh an t-eun an Iolair, Bheir i am chuimnhe ’n Cluaran Gaèlach; Ma dh’ fheuchas tu ri ghlacadh teann Faodaidh gu’n toir e ort bhi sgreuchail. ’S mu’n bhòrd a nochd uair eile cruinn, An càirdeas tha sinn làmh an làmh; Sud air a CHLUARAN ’s air an EUN, ’S air Gàidh’l an dù’ich-na-saors’ tha tàmh.” Ma bha buntainn sam bith aig an Naomh Andras ri muintir na h-Alba, tha fios us cinnt gu’m b’ i a Ghàilig a bhiodh e labhairt riutha; tha e mar sin gle iomchuidh gu’m b’ann ann an Gàilig a bhiodh clanna na h-Alba ’san latha ’n diugh a cur fàilte air a chèile an àm a bhi cumail fèille mar urram air. Tha sin toilichte fhaicinn gu bheil Gàidheil Hamilton cho measail air cainnt an sinnsir. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 158] [Vol. 7. No. 20. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 155.) sin a bh’ann! Bi’dh mi fhathast air mo thearnadh, thuirt mi! agus ghlaodh mi le m’ uile neart, chum caismeachd a thoirt do ’n fhear-thuruis. Ach shéid oiteag laidir shoirbhis am aghaidh, agus phill mo ghlaodh gun esan a ruigheachd. Cha do stad an solus—cha d’ thugadh freagradh do m’ ghlaodh. “Co dh’fheudas cruaidh-spairn na nionaid sin a thuigsinn? An duin’ a tha’ n cunnart a bhi bàite, mar tha e toirt na h-idheirp dheireannaich, ’s a’ faireachduinn nan tonn ag iathadh uime; an ciontach mar tha e dìreadh ri fàradh na croiche, agus fhiughair dheireannach teicheadh uaithe;—feudaidh iad sin, agus iad sin a mhàin a thuigsinn an staid san robh mise. Shocraich a nis m’an-dòchas. Mhothaich mi gu’n robh m’ uair dheireannach a’ tarruing dlù: dh’ oidheirpich mi mo smuainte a thogail o’n t-saoghal so agus an socrachadh air an ath-bheatha. Ach bha ’n spàirn uamhasach. Mar a dh’ oidheirpich mi mi fein uidheamachadh air son a bhàis, thigeadh toil do ’n bheatha so air m’ aigne san àm. Nan d’ thigeadh fuaim gu m’ chluais, thogainn mo ceann a dh’ éisdeachd; nan d’ thigeadh sgàil’ air a chreig, dh’ amhaircinn ciod a bh’ ann; ach sguireadh an fhuaim, agus shiubhladh a sgàil’ air falbh; agus luidhinn a rìs sìos air an t-sneachda, agus dh’ fheùchainn dol am uidheam air son a bhàis. “Faidheoigh, (gu là mo chrìche cuimhnichidh mi a mhionaid sin,) air leam gun d’ thug oiteag shoirbheis am’ ionnsuidh fuaim, a dh’aithnich mi; dhìrich mi air m’ uilinn le cabhaig nach mòr nach do chuir crioch orm—dh’ éisd mi—bha gach ni na thosd—dh’ éirich a ghaoth agus bha mi ’n teagamh an cuala mi rìs e,—an treas glaodh a chuir á teagamh mi! ’se tabhann Oscair dhìleis a bh’ann, a comharachadh a mach an ionaid san robh mis a m’ shìneadh. A rìs chuala mi a chomhartaich chruaidh sgairteil mar dhlùthaich e ri mullach na creige. An sin sheas e, a sior chomhartaich, gus am faca mi iomad tòrr-leus air an aisridh air an d’thainig e, ’s a dhlùthaich an gradaig ris. Thainig iolach air oiteag an anamoich: dh’oidheirpich mi a freagairt mar a b’fhearr a dh’ fheud mi. Air an àm so cha diongadh e a bheag co dhiùbh a chluinneadh no nach cluinneadh iad mi, oir co luath sa thainig na soluis far an robh an cù na sheasamh, ghrad leum e sios an cas bhruthach, a’ dheanamh greim bàis air na leachdaibh corrach, ga leige fein na shìneadh air feadh sneachdaidh agus ùrach gus an d’thainig e a dh’ aon leum far an robh mi, agus cha mhòr nach do chuir e as domh le beadradh, a ’toirt air mac-talla nan creag co’-fhreagradh le àrd chomhartaich. “Thug mo choimhearsnaich an aire nis do’n àite san robh mi. Theirinn ìad a’m’ionnsuidh. Mo chàirdean gaolach, mar do mhothaich sibh am mùghadh a ta eadar eadochas agus tearuinteachd—o bhi tréigte gu fior charthannachd agus dlù chaoimhneas—o bhàs gu beatha—cha chomasach dhuibh a smuainteachadh an tuil de shòlas dian agus strìochta a thainig san àm sin air m’ anam. Cha robh a nis annsachd mo chridhe na banntraich! cha robh mo chlann a nis nan dìlleachdain! Bha mi air m’ aiseag gu beatha, do’n t-saoghal, do dhòchas, do shonas! agus air son so uile, fo laimh an fhreasdail, ’s ann an comaine gràidh agus tairisneachd madaidh bhochd a ta mi! ’Nuair a bhios ur làmh togta suas gu’r cù a bhualadh—stadaibh—agus smueintichibh air an t-seirbhis a rinn sean Oscar d’a mhaighstir. “O’s ceann na h-uile ni, tuigibh agus aidichibh lamh an Tighearn anns gach caol-thearnadh roimh bheil sibh a’ teachd. Bithibh eolach air u r Dia ann an laithibh ur neart; agus a’ cuimhneachadh co buailteach ’s a tha sibh do sgiorradh agus do bhàs; oidheirpichibh a bhi do ghnà deas. Nam bitheadh Dia air m’ fhiosrachadhs’ le bàs air an oidhch’ a dh’ainmich mi, chaochail mi gun dòchas, agus cha robh an dòrainn na h-oidhche sin ach earlais fhaoin air dòrainn na h-oidhche sin air nach dealraich maduinn. Buidheachas dha-san a chaomhainn mi agus a bheannaich an sgiorradh sin domh, chum mo thoirt d’a ionnsuidh-san a thainig a shaoradh pheacach.”—An Teachdaire Gaidhealach. A FRAMBOISE. FHIR-DEASACHAIDH,—Mar a gheall mi bheir mi dhuit ni ’s urrainn dhomh de naigheachdan as a chearb so de ’n dùthaich, ged nach ’eil a bheag de naigheachdan agam dhuit aig an àm so. Tha ’n t-iasgach foghair, mar a their sinn, gu math fad air ais. Tha ’n t-sìde cho stoirmeil ’s nach robh e furasda bhi muigh; ’s ged a bha iasg gu math pailt ann, thachair dhuinn a reir an t-sean fhacail, “Tuigain as an righ fuirich as a ghaoth.” Chaidh am factorihh ghiomach a bha ’san àite so a losgadh gu làr aon oidhche air an t-seachdain a dh’ fhalbh. Bha uisge trom a sileadh aig an àm; agus mur h-e an t-uisge a chuir an tigh na theine, cha ’n ’eil fhios ciamar. Ach tha dòchas làidir againn gu bi tigh eile dhe ’n t-seòrsa ’sa cheart àite an uine nach bi fada. Chaidh an Latha Taingealachd a choimhead an so air an là orduichte. Cha ’n ’eil teagamh nach coir gach latha bhi na latha taing againn; ach tha aon latha gu sonruichte air a chur air leth airson daoine a leigeil dhiubh saothair an làmh agus a bhuileachadh ann a bhi toirt taing airson gach maitheas a chaidh a bhuileachadh orra anns a bhliadhna a dh’ fhalbh. Faodaidh e bhi nach robh uile gu leir sruth agus soirbheas leinn mar bu mhath leinn, ach na dheigh sin ’s mor an t-aobhar taing a th’ againn nach robh sinn an so an eilean Cheap Breatunn air ar fiosrachadh le gorta, le plàighean, le claidheamh, na le ni dhe ’n t-seorsa sin, mar a tha àiteachan eile dhe ’n talamh; ach gur h-ann tha sinn a mealtuinn sìth, slàinte agus pailteas, lon de dhuine is do ainmhidh, agus gach beannachd eile bho laimh an fhreasdal. Dh’ fhalbh moran de ’n oigridh bhuainn do na Stàitean air an fhoghar so; ach tha gu leoir dhiu—na gillean oga gu h-àraidh—a gearan air na timeanan a tha ’s na Stàitean am bliadhna. ’S iad na h-igheannan a’s fearr dheth gu mor a thaobh cosnaidh. Ach cha toigh leam iad a bhi cho ro chruaidh air a “Chuairtear” ’n uair a bhitheas e a cronachadh cuid de dhoigheannan nach faod a bhi cordadh ri muinntir a dh’ fhag iad aig an tigh an uair a thig iad dhachaidh anns an t-samhradh. Leugh mi anns a MHAC-TALLA uair anns an d’ fhuair e hard times bhuatha airson e bhi ’g radh gu robh iad a deanamh dimeas air a Ghàidhlig, agus airson an cuid fhasan gu ’n seadh—gu sonruichte na “brogan biorach.” Tha mi ag aontachadh leis a “Chuairteir” gach uair a chronuicheas e uaill sam bith a dh’ fhaodar a bhi cur air chois airson ni gun seadh mar sud, agus an uair a sheasas e gu duineìl suas airson a dhùthaich ’nuair a chi e spalpairean de ghillean a fàs cho mor-chuiseach an uair a gheibh iad a null do Bhoston, ’s gu feuch iad ri eilean Cheap Breatunn a ruith sios. Ach is math gu bheil a mhor-chuid (’s b’e mo dhùrachd an t-iomlan de na dh’ fhalbhas bhuainn a bhi mar sin) gu math cuimhneachail air duthaich am breth ’s an àraich, ’s nach diobradh an tlachd dhi airson ni sam bith. Cha ’n ’eil naigheachd posaidh—agus tha mi toilichte nach ’eil naigheachd bàis—agam dhuit aig an àm so, ’s mar sin sguiream. CEANN LIATH. DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. Cha ’n fhiach le neach aig am bheil ceud fathan mòra a bhi ri connspoid. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 159] [Vol. 7. No. 20. p. 7] GUTH A ANTIGONISH. ’S fhada o nach d’ fhuair sibh guth o Oil-thigh Naomh Francis Xavier, ach ma dheireadh dhuisg fuaim ceolmhor na pioba-moire sinn. Feasgar romh là Fhéill Andrais rinn i teachd a’ làthair am measg mor ghairdeachas nan gillean Gàidhealach. Bha i ri cluinntinn air feadh gach talla is cearn de ’n cholaiste. Dhearbh Alastair gu soilleir gu robh ’mheòran min-eòlach air ni a bharrachd air ùird ’us innealan ceardaich. ’S i beachd gach aon a chuala e gur piobaire gu chùl e. Chuir e fuil gach mac Gàidheal nar measg gu goil, agus thòisich Ruidhle Thulachain, ’s dannsa a chlaidheamh, ’s na h-òran, ’s ghabh sinn seilbh do ’n taigh. Taing do dh’ Alasdair, chuir sinn seachad là Fhéill Andrais gu cridheil. “Gu ma fada beò e ’us ceol as a thigh.” Tha “Mar a rinn mi m’ fhortan” a gealltuinn a bhi taitneach d’ ur luchd-leughaidh. Tha e coltach gu robh aobhar aig marsantan a bhi gearain air muinntir na fiach ’nuair bha ’n sgriobhadair òg; ach canaidh daoine gnothuich an diugh nach urrainn dhaibh gnothuch a dheanamh air thailleabh an aobhair cheudna. Tha daoine ann a tha coma ciamar a’ gheibh iad biadh no aodach ’s nithean eile, ma gheibhear air chreideas iad. ’N uair theidear a dh’ iarraidh nam fiach bidh ceud leithsgeul aca, ’s ni iad oidheirp air sin a chumail suas gus a ruith sia bliadhna. Canaidh iad an uair sin, “Faodaidh tusa bhith feadaireachd, tha ’n lagh air mo thaobh-sa.” Cha ’n ’eil guth air an lagh bu chòir a bhith ’sa chridhe. Tha mi creidsinn gu bheil triùbhsar an fhir-deasachaidh ga stròiceadh aig na bàird, agus leis a sin tha e fulang gu leor gun mise bhith ga ’phianadh le tuilleadh ’sa chòir de sheanchas. CAILEIN. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. [Dealbh] Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a CHANADA CARRIAGE CO., air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne. Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c., &c. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 160] [Vol. 7. No. 20. p. 8] Man Was Made to Mourn. LE ROBERT BURNS. ’Nuair bha osag fhuar a’ gheamhraidh Air iomadh coille ’s blàr Aon feasgair is mi siubhal sios Cois bruachan amhainn Air, Choinnich mi duine, ’s shaoil mi e Le iomagan sgith, is fann; ’Na ghnuis bha claisean aois is liath Bha ’m falt a bh’air a cheann. “Aìr sheabhaid c’ àit am beil thu dol?” ’N t-aosd’ urramach thuirt rium. “Ne tart gu maoin, no boil na h-oig, Mar so tha gluas’d do cheum? No, theagamh, trioblaid gheur ga d’ chradh? Och! ’s luath dhuits’ oige chaoin. Bhi toiseachadh air cumha leams’ Meud truaighean clann nan daoin’. “A ghrian ud tha os cionn nan slaibh Tha mor a feadh ’s an leud, ’Sun cumar sraic nan ua’rach suas, Le saothair ghoirt nan ceud, Air a cuairt gheamhraidh chunnaic mi Ceith’r fichead uair ochòin! ’S gach uair toirt dearbh’ gun’ chruthaicheadh. Clann daoin’ gu bhi ri bròn. “Cia srothail a bha thus’ air tim, O dhuine ’n tus do linn Cur t’uairean priseil gu droch bhuil, Priomh gloirmhoir t’ oige ghrinn! Dha do chailean gràineil, tric De d’ chrop a deanamh lon; Toirt do lagh naduir neart deich fillt A chum do thoirt gu bron. “Na seall amhain ear priomh na h-òig’ No duine ’n treun a neairt; Ni’n duine nuair sinn feum dha sheorsa, ’S cumar suas a cheart; Ach amhaìrc air aig bruach na h-uaigh Le iomadh cradh ga leon; Is aois is easbhuidh nochdadh dhuinn Gun d’ rugadh e chum bron. “Tha cuid ann mar gu’m biodh an dàn Dhaibh soirbheachadh gu ’m miann; Na saoìl gidheadh, gach aon dhiu sud Lan bheannaicht air gach rian; Ach O! cia lionmhor anns gach tir, An doruinn daoine saoi Tha fad am beatha faireachadh Gu’m bheil e’n dan dhoibh caoi. ’S lionmhor geur na h-amhghairean ’S a chrè a ghìneadh leinn; ’S ni’s goirt na sin gach naire ’s cradh Is ànradh thig uainn fein ’S ged ’eil a ghnuis tha suas ri neamh Làn loinn le aoibhean graidh, Tha cruaidh-chridheachd an duine toirt Na muilleonan chum craidh. “Faic an gineil sàruicht’, bochd, Choiriosal ’sa tha E guidh’ air bràthair dhe an dus Cead saothaireachadh thoirt dha; Is faic a cho-chnuimh thriathail A cur iarrtus a neo-bhrigh, Gun smaoineachadh air bean is clann Bhi bròn le easbhuidh bidh. “Ma rinneadh mis’ chum bhi ’n am thraill D’ an triathan ud gu tu, Carson chaidh smaoin neo-eis’meileach ’N am inntinn riamh a chur? Mar d’rinneadh, cuime taim fo smachd Do fhoirneart air son lòn? No th’aige comas agus toil Air mise thoirt gu bron? “Gidheadh a mhic na cuireadh so T’uchd oigeil cus de dhoigh; Oir cha’n i bheachd so de ’na chuis Gu dearbh an aon fadheoidh! Am bochd fòir-eignicht, onoireach. Cha d’rugadh riamh le mnaoi, Mar biodh ni ann gu comh-fhurtachd A thoirt do luchd na caoidh! “O bhais! fhior charaide nam bochd, ’S ro chaoimhneil-maith do lamh! Gu’n di ’nuair bhios mo chnàmhan aosd’ ’N an laidhe leats’ aig tàmh! Fo gheilt do bhuille bi’ an dream Tha sòghail, ard, is daoi! Ach ’s saorsa bheannaicht dhaibhs’ thu, Tha trom-uallaichte ri caoidh. Eadar le Ascull MacAscuill ’S Caomh Leam Mo Mhaldag. O! ’s caomh leam fhèin mo mhàldag An tè bhàn da ’n d’ thug mi ’n gaol; ’S ro thoigh leam fhein mo ghràdh geal, An tè ’s fhearr leam air an t-saogh’l, Tha m’ aigne nis air dùsgadh— Gur mùirneach mi gu ceòl, Bho’n thug mo leannan rùn domh, Mo chionn ’us m’ ùigh ri ’m bheò. ’Nochd caideidh mi neo luaineach, Gun bhruaillein orm no cràdh, Cha ’n eagal leam na bruadair, A bhios a luaidh mu ’m ghràdh; An t-eun is àirde ’ghluaiseas, Theid uair-eigin gu tàmh— Cha b’ aithne dhòmhsa suaimhneas— Gu’n d’ thug mo luaidh dhomh ’làmh. O! ’s caom leam fhein, &c. Is lionmhor seud glè luachmhor, Tha ’n uaigneas fad o shùil, ’Nan àìlleachd fhéin neo-thruailte, Gun luaidh bhi air an cliù; Mar sud tha maise ’m eudail, A measg nan ceudan slòigh, A buadhan àrd cha lèir dhoibh, No beusan glan na h-òigh. O, ’s caomh leam fhein, &c. Is caoin an osag chùbhraidh Tha ’guilan tùis nan cluan, Is lionmhor ribheid shiùbhlach Tha ’n coill nan dlùth-chrann uain’ Ach ’s annsa leamsa mànran, ’Us cagar tlàth mo rùin, ’Nuair ghleusas i na dàin dhomh ’So mo làmh ga tarruing dlùth. O, ’s caomhleam fhein, &c. Cha sheinn mi tuillidh ’n tràth so, ’S cha toir do chàch mo sgeul, Ach feithidh mi gu sàmhach, An là a their thu fhèin: ’N sin fuadaichidh an fhàire, Na sgàilean ’laidh cho dlùth, ’S thig sonus agus àbhachd, Thoirt fàilt’ do’n mhaduinn ùir. O, ’s caomh leam fhein, &c. AONGHAS OG. POSADH. Ann an Truro, air an 29mh latha de Nobhember, leis an Urr. A. L Geggie, Domhnull I. MacLeoid, Amherst, ri Floiri Nic Fhioghain, Sidni. BAS. Ann an Sidni, air Di-haoine an darra latha dhe’n mhios, Fionnghal, bantrach Mhicheil Mhic Gill-Fhaollain, tri fichead bliadhna ’a ’sa tri a dh’ aois. Fhuair i a h-àrach ann an Uidhist, agus thainig i do’n duthaich so maille ri céile ’sa bhliadhna 1866. Bha i tinn ùine fhada agus dh’ fhuiling i mòran o chionn dha no tri bhliadhnaichean. Dh’ fhàg i ceathrar mhac agus triuir nighean; tha aon dhuibh posda anns an t-sean duthaich. Bha i air a tiodhlachadh ann an cladh na h-eaglais Chaitliceach Di-dònaich.—R. I. P. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 161] [Vol. 7. No. 21. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 16, 1898. No. 21. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. V. AN DUNEIDIONN.—SEUMAS MAC LEOID. Cha do mheudaich na chuala mi Domhull Dughallach ag ràdh mu m’ charaide, Seumas Mac Leoid, mo mheas air Seumas idir. Bhuail e anns an inntinn agam gu ’m bu duine e a bha uaibhreach, agus air am biodh nàire mo leithid fhein de dhuine òg gun mòran foghluim no fiosrachaidh fhaicinn ann an deise de chlòth glas aig a dhorus. Chum mi mo bharail agam fhein; oir ged a bha Domhull Dughallach ’na dhuine do ’m faodainn m’ inntinn a leigeadh ris gu saor, cha robh agam ach beagan eòlais air. “Tha mi cinnteach gu ’m bheil an t-acras ort, ’Eachuinn,” thuirt e rium, “tha mise ’dol gu m’ dhinneir o chionn leith uair, agus theid thu comhladh rium. Is ann is fhearr dhut fuireach comhladh ruinn fhein gu cionn seachdain. Cha mhisde thu do shùilean fhosgladh gu math air feadh sràidean Ghlasacho mu ’n teid thu do Dhuneidionn. Tha mi cinnteach nach d’ thainig tu as an taigh gun beagan imrig. Am bheil ciste agad anns a’ bhata? Ma tha, cuiridh mi fhein duine sios thun a’ cheidhe, agus bheir e leis i thun an taighe. Fanaidh tu air a’ chuid a’s lugha seachdain comhladh ruinn fhein. Theid mi an urras gu ’m bi a’ bhean ’s na gillean caoimhneil gu leòr riut. Theid iad comhladh riut a dh’ amharc ’nan ioghnaidhean a tha air feadh Ghlasacho.” Thug mi mòran taing dha, agus thuirt mi gu ’m bithinn toileach gu leòr fuireach seachdain comhladh ris fhein ’s ri theaghlach. Dh’ fhalbh mi fhin ’s e fhein thun an taighe. An uair a rainig sinn bha ’n dinneir deiseil air a’ bhòrd. Chuir a bhean failte chridheil, chaoimhneil orm. Cha robh a h-aon dhe na gillean a staigh aig an àm. Bha dithis dhiubh anns an sgoil, agus bha ’n dithis eile aig an ceaird, agus cha tigeadh iad dhachaidh gus am biodh e an deigh shia uairean feasgar. Cha bu luaithe a ghabh e fhein a dhinneir na ghrad dh’ fhalbh e do ’n taigh-òsda. “Ged a tha gille òg tapaidh agam comhladh rium, feumaidh mi fhein a bhith aig a’ chunntair a h-uile feasgar; oir, mar is trice, tha duine is duine a bhios an déigh tuilleadh ’s a’ chòir òl a’ tighinn ’nar rathad anns an fheasgar, agus mur biomaid ann le chéile dheanadh iad tuasaid. Cha bu toigh leam tuasaid a bhith ’nam thaigh uair sam bith; oir chuireadh e droch ainm bhar mo thaighe.” Bha ’bhean ’na boirionnach cho comhraiteach ’s a b’ urrainn a bhith. Bha Gàilig gu leòr aice, agus chuir sinn seachad an uine gu taitneach a’ comhradh ri ’cheile gus an d’ thainig an dithis ghillean a b’ òige dhachaidh as an sgoil. Cho luath ’s a ghabh iad am biadh dh’ fhalbh mi comhladh riutha sgrìob air feadh a’ bhaile. Chaith sinn na bha romhainn dhe ’n fheasgar ag amharc air na bha de dh’ òr ’s de dh’ airgiod ’s de sheudan luachmhor anns na h-uinneagan air sràid ’Ic Bhannainn. Bha mise an dùil aig an àm nach robh uiread eile de dh’ ionmhas air ur-uachdar an t-saoghail. Bha e dlùth air deich uairean a dh’ oidhche mu ’n do thill sinn dhachaidh. Bha ’n dithis ghillean a bha ’g ionnsachadh na ceairde a staigh romhainn, agus iad a’ leughadh phaipearan is leabhraichean. O’n a bha iad gu math na bu shinne na mise cha d’ rinn iad mòran comhraidh rium an oidhche ud; ach mu ’n d’ thainig ceann na seachdain bha iad comhraiteach gu leor rium. Beagan an deigh aon uair deug thainig e fhein dhachaidh. Bha mise agus an dithis ghillean a b’ òige a’ deanamh deiseil aig an àm gus a dhol a laidhe. “Stad ort, ’Eachuinn,” ars’ esan, “gus an innis mi dhut an rud air an robh mi ’smaointean o’n a dh’ fhalbh mi. Mar a dh’ innis mi dhut mar tha, tha do charaide fhein ’s mo charaide-sa, Seumas Mac Leoid, gle mhòr as fhein, agus is docha nach cord e ris thusa fhaicinn aig a dhorus ann an deise de chlòth Gàidhealach. Bheir mise dhut deise mhath ùr, ma ghabhas tu i. Agus tha mi ’n dochas nach ’eil thu cho mòr asad fhein ’s gu ’n diùlt thu gabhail uam. Tha mi ’creidsinn nach do leig d’ athair ’s do mhàthair air falbh as an taigh thu cho lom a dh’ airgiod ’s nach teid agad air deise a cheannach; ach gabhaidh tu deise uamsa. Agus mur leig a’ mheud-mhor leat a gabhail uam mar ghean-math, cha ’n ’eil agad ach a paigheadh dhomh an uair a dh’ fhàsas tu beairteach. Theid thu comhladh riumsa thun an taillear ’s a’ mhaduinn am màireach, agus gabhaidh e do thomhas. Feumaidh tu brogan mar an ceudna; oir tha e neònach leamsa mur tug thu fhein an aire gu ’m bheil na brogan a th’ ort, ged a tha iad gle mhath, ro làidir air son sràidean a’ bhaile so. Is math bu chòir dhomhsa deise o làr gu mullach a chur air mac do mhàthar. Cha do chaith mise stocainn o chionn deich bliadhna ach na rinn i dhomh. B’ fhurasda dhomh stocainnean gu leòr fhaighinn ’s a’ bhaile so; ach cha ’n e h-uile stocainn a fhreagras orm. Bidh mo chasan glé fhuar mar is trice, agus tha na stocainnean a tha do mhàthair a’ deanamh dhomh air a’ chlòimh ghlais a th’ air na caoraich agaibh fhein mòran na ’s blàithe na stocainnean sam bith eile a gheibh mi. A bharrachd air sin, tha i ’snìomh an t-snàth cho bog ’s cho tlàth ’s gu ’m bheil iad an comhnuidh tlusar, caoin ri mo chasan.” Thug mi taing dha air son a chaoimhneis, agus thuirt mi ris, gu ’n gabhainn an deise agus na brògan uaithe gu toileach. Ghrad dh’ eirich mi as an àite ’s an robh mi ’nam shuidhe, agus thug mi ’mach as a’ chiste dà phaidhear de stocainnean a chuir mo mhàthair uige. “Cha robh mi o chionn fada cho feumach air stocainnean,” ars’ esan; “tha na stocainnean mu dheireadh a fhuair mi o d’ mhàthair air fàs tana, agus air tòiseachadh ri tolladh. Is fhearr leam an dà phaidhir so na ’n cóig luachan.” Anns a’ mhadainn chaidh mi comhladh ris thun an taillear. Dh’ òrdaich e deise dhomh dhe ’n aodach cho math ’s a bh’ aig an taillear an taobh a staigh dhe ’n dorus. Air an rathad dhachaidh thaghail sinn ann am bùth greusaiche, agus cheannaich e deadh phaidhir bhròg dhomh. An uair a chuir an taillear ugam an deise, fhreagair i dhomh anabarrach math. Thug a’ bhean dhomh ceann-aodach, agus neapaiginn sìoda gus a chur mu m’ amhaich. An uair a chuir mi umam an deise ’s gach ni eile a thug iad dhomh, bha mi cho grinn ’s cho speisealta ri mac mathar, ach ainneamh, a bh’ anns a’ bhaile. An uair a bha mi seachdain ’s an taigh aige, dh’ fhalbh mi fhein ’s e fhein gu math moch ’s a’ mhadainn gu ruige Duneidionn. Cha tug mi leam a’ chiste idir; oir bha eagal orm nach gabhadh mo charaide, Seumas Mac Leoid, suim sam bith dhiom. An uair a ràinig sinn Duneidionn thuirt Domhull Dughallach rium gu ’m b’ fhearr dhuinn gabhail dìreach a dh’ ionnsuidh an taigh-ghnothaich aig Seumas Mac Leoid, an àite dhol thun an taigh-chomhnuidh aige. Thachair gu ’n robh e ann romhainn. A’ cheud shùil a thug mi air dh’ aithnich mi nach robh saod math air; oir bha greann an uilc air an aghaidh aige. Dh’ fhailltich e Domhull Dughallach cho fuar ’s gu ’n saoileadh neach sam bith gu ’n robh gruaim mhor air ris. Cha d’ aithnich e mise idir; oir ged a bha e uair is uair anns an taigh againn an uair a bha mi ’nam phàisde beag, cha robh beachd sam bith aige orm. An uair a chunnaic Domhull Dughallach gu ’n robh e gruamach, agus gu ’n robh, a réir choltais, mòran gnothaich aige ri dheanamh anns an àm, thuirt e, “Tha ’n gille òg so air tighinn as a’ Ghàidhealtachd gus sibhse fhaicinn, agus tha dòchas aige gu ’m feuch sibh ri obair fhaotainn dha, aon chuid anns an ofis agaibh fhein, no ann an àite sam bith eile a bhios freagarrach dha. O nach robh e riamh roimhe anns a’ bhaile so, thainig mise comhladh ris a shealltainn an taighe dha.” Sheall e gu dùr orm, agus an uair a bha e greis ’na thosd thuirt e, “Cha ’n ’eil àite falamh agamsa dha, agus ged a bhitheadh, cha deanadh a leithid feum dhomh. Cha mhò na sin a tha fhios agam c’ àite am faighear obair fhreagarrach dha. Tha gu leòr anns a’ bhaile so a dheanadh obair na ’s fhearr na ni esan a tha gun obair idir. B’ fhearr dha gu mòr a bhith air fuireach aig an taigh a’ cuideachadh ’athar. Tha dùil aig a h-uile spalpaire òg anns a’ Ghàidhealtachd a ni beagan sgrìobhaidh is leughaidh is cunntas nach ’eil aca ach tighinn do na bailtean mòra, agus gu ’m bi dorus fosgailte dhaibh latha sam bith a thig iad. Tha gu leòr de dhaoine gun fheum againn anns na bailtean mòra mar a tha, ged nach tigeadh an corr ugainn as a’ Ghàidhealtachd. Cha ’n ’eil mise faicinn gur urrainn domh ni sam bith a dheanamh ris ach ’fharadh a phaigheadh dhachaidh. Biodh e falbh leis a’ cheud chomhdhail a gheibh e.” Chuir e ’làmh ’na phocaid, agus thug e ’mach dà ghini, agus thuirt e, “Pàighidh sin ’fharadh agus a bhiadh.” Thug so uam mo mhisneach buileach glan. Ged a chuirteadh sgian annam cha ’n ’eil mi smaointean gu ’n tigeadh deur fala asam. Ach ge b’ e ’shealladh air aodann Dhomhuill Dhughallaich chitheadh e gu ’n robh coltas fala agus feirge gu leòr ’na aodann. Thuirt e, agus crith air a [TD 162] [Vol. 7. No. 21. p. 2] ghuth leis an fheirg:—“Tha nàire is tàmailt orm, a Sheumais, gu ’n d’ thàinig do leithìd as an aon duthaich rium. Cha ’n ’eil annad ach an spìocaire truagh, feineil, a tha coma dhe na h-uile duine ach thu fhein. Tha thu ’sior chàrnadh suas saoibhreis le cìocras a tha ’cur ioghnaidh air iomadh neach. Cò aige ’tha thu ’dol a dh’ fhàgail nam mìltean a tha thu mar tha air a chur ma seach? Cha toir thu fo ’n ùir na ’s mù na bheir Callum. B’ fhearr dhut gu mòr feum iomchuidh a dheanamh dhe do chuid airgid fhad ’s a bhiodh tu beò. Gheibh thu bàs a cheart cho cinnteach ’s a gheibh mise; agus an deigh do bhàis bidh do chàirdean a’ trod ’s a’ sglàmhachd ’s ag itheadh a chéile mu ’n airgiod mhosach a dh’ fhagas tu ’nad dhéigh. Cho cinnteach ’s a tha mise ’nam sheasamh an so, theid iad gu lagh mu ’n airgiod, agus theid mi ’n urras gu ’m bi an earrann a’s mò dhe ’n airgiod aig an luchd-lagha. Agus cha dubhairt mi nach tugadh do chàirdean am mollachd air do chnamhan an uair a bhios iad a’ crìonadh anns an ùir. Bha mo shùil air Seumas fhad ’s a bha Domhull a’ labhairt nam briathran searbha so ris, agus thug mi ’n aire gu ’n robh ’aghaidh ag atharrachadh dath gu tric. Mu dheireadh, an uair a chual’ e Domhull ag ràdh gu ’m biodh a chàirdean a’ toirt am mollachd air a chnamhan anns an ùir, dh’ eirich e ’na sheasamh, agus thuirt e, “Gabh fhein ’s an gille òg am mach as an taigh. Tha mi fada gu leòr ag éisdeachd ri do chuid bòilich.” Cha d’ éisd Domhull an corr. Thuirt e riumsa, “Tiugainn, Eachainn; agus fàgamaid an spìocaire truagh agus a chuid ginidhean as ar deigh mar a dh’ fhàgadh bò a buachar.” (Ri leantuinn.) MORT NAN EIGEACH. Anns a’ bhliadhna 1490, bha Eilean Eig air àiteachadh le feadhain do Chlann-Dòmhnuill—fine cho leòmhannail, làidir ainmeil ’s a thilg saighead, no tharruing claidheamh. Bha iomad baiteil agus cruaidh-chaonnag eadar iad so agus Siol-Leòid—curaidhean garg, ain sgiannach, nach lùbadh an cinn do dhuine ach an righ o’n d’ thàinig iad, agus nach sealladh an sàilltean do nàmhaid am feadh bu bheò iad. Cha robh iad so, gun teagamh, cho lionmhor ris na Dòmhnullaich; ach o’n a b’ ann le feall-fholach agus fo sgàil na h-oidhche bu ghnàth leò, anns na linnte borb, cian sin, ionnsuidh a thoirt air an naimhdean, bha Siol-Leòid comasach air it-ma-seach a spionadh a nòcuis na h-aimhreit. Bha, os-bàrr, dluth-dhàimh eadar Clann Torcuill (méur dheth na Leòdaich a fhréumhaich bho Thorcull, dàra mac Righ Lochluinn) agus Clan Choinnich a thaobh pòsaidhean agus eadar phòsaidhean bha ’n aonadh so a’ cumail srian ri ainneirt nan Dòmhnullach. Mar a dh’ainnich mi, anns a’ bhliadhna 1490 (no uaireiginn teann air an am), chaidh ceathrar Leòdach, a mhuinntir Dhunbheagain, air tir le bàt’ ann Eilean eig—bha e leòir-shoilleir nach ann mar nàimhdean—ceathrar-direach sgioba. Agus ged a bha armachd orra, ’de b’ urrainn iad a dheanamh ’n an aonar? Cha rachadh Gaidheal air bith, anns na làithibh sin, o’n bhaile gun armachd. Cha do dhùisg astair nan Leodach iomagainn air bith am measg an coimhearsnach; agus da riribh ’s fhada mu’n e dòrtadh-fola bh’ air an aire. Bha fear deth na sgioba, Iain Buidhe Mac-Leòid, (og fhear cho smiorail, dhreachmhor, ’s a sheas riabh faiche) ann an trom-ghaol air Iseabal Nic-Dhòmhnuill (maighdeann eireachdail chòir), agus b’e fàth a thuruis do dh’ Eige air an am mu’n bheil mi a’ sgriobhadh, an dara cuid a pòsadh le toil a pàrandan, air neo a goid air falbh anns a’ bhata. Bha dearbh-fhios aige gun gabhadh so deanamh gu furasda, do bhrigh gu’m b’ ann fo compairt a leannain a thàinig e; agus far am bi da chridhe ag aomadh fo chumhachd diomhair a’ ghràidh dh’ionnsuidh a chéile, is doirbh na bacaidhnean air nach faigh iad thairis. Fhuair na Leòdaich gabhail riutha gu math. Dhi-chuimhnicheadh gach borb bhuille bha eadar an da fhìne anns an fhialachd a nochdadh dhoibh; agus dh’ fhuirich iad, ag ithe ’s a ’g-òl là no dha comhla ris na h-Eigich. Bha suil aig neart do ghillean Eilean Eige an déigh Iseabal. Bharailich iad an t-aobhar a thug na Leòdaich do’n eilean, agus chuir iad romhpa féin nach rachadh an gnothach leo. Bha fios aca, gidheadh, nach ’eisdeadh Iseabal riutha—gu’n robh a cridhe ’s a h-inntinn aig Iain Mac Leòid—agus gu’m b’ ann le foirneart agus làmh-laidir a dh’ fheumadh iad a cumail gun phòsadh. Ach a rithist bha e féumail gun cuireadh iad an comhairle ri ’n ceann-feadhna, agus gu’n tugadh esan cead dhoibh na Leòdaich a ghràineachadh dhachaidh; oir nan tachradh ni a dh’ fhaodadh diùmadh Dhunbheagain a chosnadh dhoibh, bu mhath leo nach bitheadh iad féin ’n a choireachadh ’s an iomlan. Leis na dubh-bhreugan, thug iad air an ceann-feadhna chreidsinn gu’n robh na Leòdach toillteannach air an sgìursadh as an àit. Agus fhuair iad cead sin a dheanamh ach dh’ àithneadh dhoibh gun am marbhadh, “Oir,” ars’ an Dòmhnullach, “a deanamh na fìrinn, cha’n ’eil toil agam drannd a chluinntinn an dràsd mu’n bhrataich-shìth; agus o’n fhuair mi siosair ùr,” (cha robh reasaran aca ’s an àm sin), “theid agam air an fheusaig a bhearradh, gun chuideachadh bho chlaidheamh Mhic Leòid!” Ge b’e air bith fàile a fhuair athair Iseabal, chomhairlich e do na Leòdaich teicheadh. Thug e làn-chead d’ a nighinn falbh leo; agus gheall e, ged nach bitheadh esan air a’ bhanais, gu’n òladh e gu suilbhear orra na thigh féin. ’Nuair a shuidh an oidhche gu math air a caithir dhoilleir chiar-dhuibh, thriall na suinn gu sàmhach, balbh-thosdach le Iseabal, gu béul puirt. Cha robh fuaim ach tathunnaich chianail, iosguineach, nan con, agus gair nan tonn mar a bha iad a’ bristeadh air garbh-chreagan na tràighe, a’ ruigheachd na cluaise. Bha solus na gealaich gu leth-shoilleir a’ luidhe air broilleach a’ chuain; agus b’ àm e, da riribh, a ghoid mnatha. Thainig na Leòdaich gu’ m bàta, gun smuain air bith ciod e bha gu tachairt orra ’n sin. Bha fichead fear dheth na Dòmhnullaich a feall fholach orra anns na creagaibh. Leum iad a mach mar choin fhola. Rinn iad greim air Iseabal, agus spion iad i a gairdeanan tairis, càirdeil a leannain. ’S ann an diomhain a bhuail i a basan—’s ann an diomhain a spion i a falt. Tharruing Iain a chlaidheamh; ach chaidh a féin agus na bha leis a cheangal eadar làmhan a’s chasan. Thug na Dòmhnullaich an sin na ràimh, an t-aodach agus an stiùir, as a’ bhàta. Thilg iad na Leòdaich innte chuir iad a mach gu fairg’ i agus ghuidh iad oidhche mhath leò—mar so a’ toirt cead dhoibh bàsachadh leis an acras, a bhi air am bàthadh, no air an sguabadh air falbh leis a’ ghaoith! Faodaidh ainnir bhlàth-chridheach air bith, a shocruich a cridhe air òganach smiorail, subhailceach, taraidh, càileigin do bhàrail a bhi aice mu’n staid ann an robh Iseabal an oidhche sin; ach cò i a’ mhaighdeann Ghàidhealach an diugh a b’ urraìnn a smuaintean a chur an céill ann an òran, mar a rinn ìse? Tha aon rann de’n òran so iomchuidh, a chum firinn mo naidheachd a chur a teagamh:— “Ge da cheangail iad ’s a’ bhat’ thu, Tha mo dhuil-sa thu ’bhi sabhailt; Fhir a’ chuil-bhuidhe ’s lughoir gairdean, B’e mo dhiubhail, a ruin, do charamh!” Fad oidhch’ agus latha bha na Leòdaich air an tonn-luasgadh air druim liath-ghorm na fairge, ann am bàta faoin, fosgailte. Bha iad air uairibh air an giùlain teann air tir; ach a rithist, agus ann am prioba na sùl, mar gu’m biodh a’ ghaoth a’ daor-mhagadh orra, bha iad air an sguabadh a mach fada! fada a’ sealladh a’ chala sin anns am bu mhiann leò dol air tir! Cha robh biadh aca—cha robh deoch aca—cha robh ràmh, na stiùir, na seòl aca; bha iad air an ceangal gu cruaidh cinnteach eadar làmhan a’s chasan, agus a réir coltais air an òrduchadh gu bàs fhaotainn. Ach eadhon anns an t-seasamh oillteil, chruadalach sin, bha spiorad nan laoch oir-dhearg do lùbte. Mu chiaradh na gréine, dhearc iad, fad’ air falbh, bàta fo làn aodach a’ ruith roimh an t-soirbheas. Bha fios aca gu’n robh Mac Leòid aig an àm ann an Lochlunn; agus O! nam b’e ’tharladh a bhi ’n sin, ’na thilleadh dhachaidh, cia sona ’bhitheadh iad. Leis an eòlas-cuain sin airson an robh, agus a’ bheil, na seòladairean tuathach comharraichte, dh’ aom an iùrach ni bu teinne ’s ni bu teinne orra—a’ slaod-leum gu h-uallach, inntinneach, thar na tonna càirgheal, agus mar each stéudmhor, a’ marcachd gu dlùth-astarach air a slighe—gus fa’ dheòigh an d’ aithnich iad gur i iùrach bhàn Dhunbheagain a bh’ ann, agus Mac Leòid féin air an stiùir! “Taing dhuit a mhic Mhuire, a shabhail mi bho uaigh fhliuch!” arsa fear dhiu. “Taing dhuit Mhic Leòid, a sheòl a ’m rathad i!” arsa fear eile. “A leoar fhearaibh!” ars’ an treas fear, “Cha toir mi taing do ‘mhac’ na do ‘nighin,’ ged’ bu Nic-Domhnuill i, gus am faigh mi air bòrd còmhla’ ri m’ cheann-cinnidh.” Leig iad sgread-rabhaidh asda. Mhothuich Mac-Leòid dhoibh. Chuir e ’m bàta mu’n cuairt, agus an uine ghoirid bha iad ri taobh birlinn gheal Dhun-bheagain. Bha aig an àm sin cùram athaireil aig gach ceann-feadhna dheth ’fhine féin—b’ iad a’ chlann—a mhic dhìleas, ùmhail, dhleasdanach, air dearg-fhaich’ an lasgair. Is ann annt’ a bha ’neart a chliu, agus a chomas, mar bhall deth na cho’-chomunn a’ co-sheasamh; agus bha e faicinn mar fhiachaibh air féin tarcuis no droch-bheart air bith a rachadh a dheanamh air aon diu a phàigheadh dà-fhillte. Is ann le mòr-iomaguin a chuala Mac Leòid an di-meas a rinn na h-Eigich air Iain Buidhe ’s air a chompanaich. Dh’ éisd e’n aithris gu crìch. Thog e’n ailm a bha ’n a làimh gu h-àirde (caoin-shuarach mu’n chunnart anns na chuir e’m bàta), agus mhionnaich e nach bu cheangal sgadain air gad dhoibh a chuid daoine-sa. Latha no dhà as déigh sin, thog Mac Leòid, agus a chuid gaisgeach orra do dh’ Eilean Eig. Bha seà eathraichean aige, agus dà-fhichead duine, fo’n làn armaibh, anns gach eithear—a’ deanamh suas barrachd air dà cheud milidh, no fear-catha, cho calma, neo-uisgidh, ’s a sheas riabh ri h-uchd catha. Chunnaic na Dòmhnullaich a’ chabhlach bheag, bhréid-gheal a’ tighin. Chunnaic iad bàta Mhic Leòid féin air toiseach, agus a bhràtach a snàmh gu h-uallach, àrd, ’s a’ ghaoith. Chual ’iad nuallan a phìob-mhoir gu lùghor, siùbhlach, ponnganach, air na tonnan liath-ghorm thuig iad an brosnacha catha; agus ghlac uamhunn agus geilt chrith iad. Fo bharail nach robh nì an inntinn Mhic Leòid ni bu lugha na’n lom-ghearradh as, thog iad orra; ach cha b’ ann a chum greim a dheanamh air an armaibh, mar bu nòs. Tha’n Eilean Eig uamh mhòr dhorcha, dhomhain. Tha dorus na h-uamha so cho fior chumhann, is nach urrainn neach dol a stigh innte còmhla ach aon fhear; agus tha, os-barr, eas, no cas-shruth uisg, a’ tuirling calg-dhireach fa chomhair an doruis, no’n tuill chaoil so—air alt gur gann a rachadh aig coigreach amas air an ùamh, ged a dh’ innseadh neach dha mu’n tuaiream an robh i. ’S ann ’s an uamh so, ma ta, a shir na Dòmhnullaich an tèaruinteachd sin ris nach b’ ion fiuthair a bhi aca bho [TD 163] [Vol. 7. No. 21. p. 3] sheasamh ris na bha air an tòir. Chaidh gach beag agus mòr—gach sean agus òg—firionn agus boirionn—seadh, gach anam a bha ’s an eilean—a’s dh’ fhalaich ’s iad iad féin bho dhian-chorruich an Leòdach anns an uaimh. Thug na gillean òga’ cheart aire gu’n robh Iseabal Dhòmhnullach maille riutha. Bha i so ’n a h-eun ro bhriagha sgiamhach gu bhi air a fàgail an lion an eunadair. Rainig Mac Leòid Eig; ach ma ràinig bha gach dorus air a dhruideadh—bha gach tigh fuar, lom, aonarach—cha robh smùid ag éiridh o’ bhothan—bha sàmhchair a’s dù-thosdachd a’ rìgheachadh mu’n cuart—bha’n spréidh ag ionaltradh gu faoin, fosgailte, seacharanach, anns an fhochann—bha na coin féin ’nan tàmh, agus gu slaod-earbullach a’ ruith as an rathad. “Ciod so?” arsa Dunbheagain, agus e ’deanamh fiamhghaire fuar. “Chaidh iad gu d’ shireadh Iain Bhuidhe—thug iad a’ mhuir orra as do dhéigh; ach theagamh gu’n do phòs a’ mhaighdeann—an gath-gréine ’s eibhinn deàrrsadh sin—agus gu bheil banais ac’ air mòr-thir. Dé ’n comas a th’ air, a laochain! Seall air na maigdeanan ud” (agus e ’comharrachadh a’ chruidh dhoibh), “bheir sinn dhachaidh iad, na caileagan bòidheach, dò-bhliadhnach, druimionn, adhairceach. Gach duine dh’ obair, agus mise ’dh’oran:— ’Nuair chaidh sinn a dh’ Eig a dh’ iarraidh maighdinn, Chaoimhneil cheanalt, ’S ann a fhair sinn crodh gun fhaoidhneachd, Spréidh mhath dhruimionn; Gearranan, mair b’ astar tuinn e, Leinn gun sgillinn; ’S caoraich mhaol ’n an caol-chas fine, ’S saill na’m mionach. Thoisich obair an dìth-mhillidh aig tigh an uachdarain. Thrus iad leò gach dad air am b’ fhiach dhoibh greim a dheanamh agus an sin chuir iad gach tigh, bothan, ath, sabhal, agus gach ni eile bha ’s an àite r’a theine. Mharbh iad a’ chuid bu mhodha deth ’n chrodh-sheasg. Rinn iad ceithreannan dhiù, agus luchdich iad an eathraichean leis an fheòil. Ach nam b’e so uile, cha bhitheadh mo sgeula cho ghairisinneach, namhasach, oillteil—cha bhitheadh m’ fhuil a’ ruith fuar ann am chuislibh an àm dhomh bruithinn air gnìomhara mo shinnseara—cha bhitheadh borb-dhealbh nan laithean o shean cho craos-fhuilteach, dhuaichnidh, ’s gu’n leumadh an leughdair air ais le h-uamhunn an àm beachdachadh air. Bha Mac Leòid ’s a chuid daoine dà latha ann an Eilean Eig mu’n d’fhuair iad an dùil a shàsachadh ann an lom-sgrios an àite. Rè na h-ùine sin, bha na h-Eigich (béul ri dà cheud pears’, eadar bheag a’s mhòr) ain an cleith anns an uaimh; agus o nach do thàrladh dhoibh biadh a bhi aca, bha iad air fannachadh leis an acras, agus sàr-thogradh aca farsuingeachd an t-saoghail agus fàile cùbhraidh na gaoithe fhaotainn. Air feasgair an dara latha chuir iad duine ’mach a dh’ fhaicinn an robh an rathad réidh—an d’ fhalbh muinntir Dhunbheagain. Bha Mac Leòid agus a bhuidheann cholgarra ’nan seasamh air an tràigh, a los an t-àit fhàgail; ach, gu tubaisteach, mhothuich iad do ’n Dòmhnullach, agus as a dhéigh thug iad, a’ caol—ruith le luathas do-chréidsinn. Chuir an truaghan bochd ioma car dheth, mar a ni ’n sionnach a chum na coin a mhealladh; ach mo thruaighe! Cha robh tearuinnteachd ann dhà. Thill e le dian-chabhaig do’n uaimh, mar a thill columan Noaih do’n àirc; ach cha b’ ann le sgéula ’n t-sonais—bha na nàimhdean ri ’shàil! Chuairtaich na tréun—laoich choirbte dorus na h-uamha. Bha fraoch feirg air gach gnùis, amhuil a sheallas dubh-neòil roimh bhùirich nan tàinneanach. Bhruidhinn MacLeòid le guth cruaidh oscarra; mar fhuaim tuinn a’ bristeadh air garbh-chreig, ràinig na briathran cluasan nam priosanach—“A Dhòmhnullaich! guidheam ort, sàbhail iarmad dheth do dhìlsean leis na slaoightirean a rinn ainneart air mo chuid daoine-sa ’bhreabadh as a’ gharaidh. Cuir mach iad, a chum gu’m mothuich iad gu bheil làmhan nan Leòdach fuasgailte. Cuir a mach iad; tha’n fheudail slàn, làidir, fallain, am bliadhna. Cha’n eil na fithich a’ faotainn pris othaisg mharbh, ach bheir mis’ aon dinneir dhoibh dheth chréubhagan do chuid cladhairean cuire-chridheach-sa! Cuir a mach iad gun dail, air neo lùb do ghlùn, iarr maitheanas airson do pheacaidhnean, agus gabh féin agus na tha leat an cead gu sìorruidh do sholus na gréine!” Da rìribh uamhasach ged a bha na briathra so, cha do gheìll an Dòmhnullach—ni-sheadh, ach le briathra sgeigeil sròn-aird, thug e dùlan do’n fhear eile. Chunnaic iad maraon nach b’ urrainn anam dol a steach do’n uaimh, no tighin a mach aisde, nach bitheadh air a spadadh gun teasraiginn. Bha Dunbheagain do-cheannsaichte, do-riaraichte, ’nuair a dh-eireadh ’fhearg. Thug e air a dhaoine ’n t-allt a bha ’tuiteam mu chaol-dorus an t-sluic a chur a leth-taobh. Thug e orra mòine, fraoch, maidean, seana bhàtaichean, agus gach seòrsa connaidh, a thrusadh. Chàirich e suas càrn mòr ann an dorus na h-uamha, agus, O! uamhas nan uamhasan! Chuir e r’a theine iad! Bha ’ghaoth a’ séideadh aig an àm air aghaidh an doruis, agus a cur na toit a stigh do’n t-slochd gu h-iomlan. Bha rànail, sgreadail, agus éigheach nan Dòmhnallach a ni’s da rìribh cianail. Chluinnte na naoidheanan agus na pàisdean òga ’g iarraidh air am pàrandan an dorus fhosgladh mum bitheadh iadsan air an tachdadh—chluinnte na maighdeannan agus na leth-chailaich a’ caoineadh ’s a glaodhaich airson am beatha—chluinnte na gillean agus na laoich thogarrach gu domhain, domhain, a’ bòideacheadh dioghaltais—chluinnte na seana mhnathan agus daoine liath-cheannach ag ùrnuigh gu dùrachdach. Bha ’n aon choghàir mhuladach—bas-bhualadh—sgreadail chianail, ulfhartaich fhiadhaich—ospagan deireannach—osnaidhean bàis, a’ ruigheachd na cluaise. Ach bha obair an dìth-mhillidh thairis ann an uine ro ghèarr. Bha ’n deathach cho làidir, dhomhail, gheur, ’s gu ’n do thacadh mòran dhiu ann am beagan mhionaidean. Chaidh iad ’n am breislich—thuit iad seachad—thàinig clò-chadal orra—bhruadair iad—dh’fhosgail iad an sùilean aon uair eile—agus mo thruaighe! Chaidil iad cadal a’ bhàis! mar so, chuir Mac Leòid timchioll air dà cheud d’ a chomh-chreùtairean gu bàs ceart còmhla; agus dh’fhàg Eilean e Eig cho lom, fhásachail, aonanach—gun taigh, gun tuar, gun anam beò—’s a bha e mu’n do sheas bonn coise air. A leughadair an àm ath-shealladh a ghabhail air a’ ghnothach sgreataidh, oillteil so, tog do shùilean a suas, agus le cridhe gun ghò, thoir tàing do Dhia, nach ’eil borb-ionnsuidhean bàis r’an luaidh ann an Gaidhealtachd Albuinn an duigh. C. N. G. SGEUL AIR BUIDSICH FO RIOCHD MAIGHICH. LEIS AN URR. TORMAD MAC LEOID, D. D. ’S iomad sgeul a chuala mi mu bhuidseachd, agus mu nithe amaideach ’san aimsir ’chaidh seachad, air nach eil math ’bhi tighinn thairis—an fhaoineis is gòraiche air an cualar iomradh riamh. Gidheadh, tha daoine fhathast ann an iomadh àite a’ creidsinn gu bheil cumhachd aig buidsichean riochd maighich a gabhail ’uair is àill leo; agus is gann ’tha e comasach a chuir mar fhiach orra ’eil anns na barailibh sin ach baodhaireachd gun chiall. Tha’n sgeul a leanas fìor. Tha sin ’ga làn chreidsinn, agus is fhiach e innseadh. Mar biodh fios againn gu’n robh e fìor, cha tugamaid àite dha an so. Bha aon de rìghrean na h-Alba ’bha fìor déidheil air sgeulachdan èisdeachd, agus e fein làn do dh’fhearas-chuideachd agus fala-dhà. Ach thachair dha air feasgar àraidh a bhi trom-inntinneach agus muladach. Cha b’urrainn d’a chùirtearan ’s do na daoine mòr ’bha mu’n cuairt da a spiorad a thogail, na uiread agus a thoirt air gàire a dheanamh. Dh’fheuch iad gach dòigh a b’urrainn doibh, ach cha deach aca air a dheanamh. Ma dheireadh, thionndaidh e ri ministeir-sgìreachd a bha làthair, agus dh’ fheòraich e an robh buidsichean fhathast liommhor anns an dùthaich ’san robh esan a còmhnuidh. “Matà,” ars’ am ministeir, “cha’n eil mi féin ro chinnteach. Tha cuid ag ràdh gu bheil, agus cuid ag ràdh nach ’eil an leithid idir ann.” “An leithid ann!” ars an rìgh. “Tha an leithid ann; gun teagamh, tha. Chuala mi féin sgeul air buidsich a b’ àbhaist riochd maighich a ghabhail gu tric; ’s cha robh sealgair’ san dùthaich a b’urrainn a marbhadh, ged is iomadh urchair a loisgeadh oirre.” “Matà,” ars’ am ministeir, “cha’n fhaod mi àicheadh nach cuala mi leithid sin do nì; agus o na rinn ’ur mòralachd a chur mu’m choinneamh, cha dàna leam aideachadh gu’n do thachair nì de’n t-seorsa sin aon uair dhòmh féin, ged nach toil leam ’bhi tighinn thairis air a leithid, a’s ged is dòcha nach creid maithean mòr na cùirt mo sgeul, agus gu’n dean iad fochaid orm a chionn a bhi tighinn thairis air a leithid. Gidheadh, cha’n innìs mi ach smior na fìrinn mu’n chùis, agus dìreach mar a thachair i.” “Dean,” ars’ an rìgh. “Cha chridhe leo fanaid no magadh a dheanamh ort. Cluinneam an sgeul. Suidh nall dlùth dhomh.” “Matà, le’r cead, bha mòran dhaoine ’san àit’ a’ bheil mise ’còmhnuidh fo bharail gu’n robh comas aig buidsichean dol a mach an riochd créutairean eile, ’s gum bu ro bhitheanta leo riochd maighich a ghabhail; agus chìteadh iad a’ mirreag, ’s a’ leum ’s a’ cleasachd mu bhruachan an uilt, dlùth do’n eaglais, gun fhios cia as a thàinig iad; agus bha sgàth aig daoine rompa. Tha iad ag ràdh, ’nuair ’tha buidseach an riochd maighich, nach dean luaidh cron oirre, ’s nach dean nì air bith ach crioman airgid as a’ ghunna deargadh oirre, ’s gu h-àraidh ma’s sealgair òg a loisgeas oirre. Chuala mi mo mhàthair ag ràdh nach ’eil nì is feàrr agus is cinnte na putan airgid, ma thachras do neach sin a bhi aige air a shiubhal. ’Nuair a loisgear air a’ bhuidsich le putan airgid, le neach aig a’ bheil cuimse mhath, tha e air a ràdh nach faicear a’ mhaigheach tuille—gu’n tàr i as; ach gum faighear seann chailleach liath chrùbach cùl gàraidh an àiteigin; agus ma laimhsichear ’s ma rannsaichear i, gum faighear am putan ’na taobh-cùil, a’s i call na falla. Cho cinnteach ’sa tha mi beò, chuala mi so o m’ mhàthair, agus o Sheònaid nan Eun, seann bhean aig an robh anbharra eòlais mu na nithe so. Ach coma co dhiùbh, innsidh mi na thachair dhomh féin—na chunnaic mi le m’ shùilean; agus air m’fhacal onorach, cha’n abair mi diog ach an fhìrinn. “Bha mise, an làithean m’ òige, agus duine còir a bha na shealgair anbharrach teòma, air àm àraidh a mach, le gunna an t-aon againn. Cha robh mise teòm, ach bha ainm mòr aigsan. Leagadh e coileach-dubh air iteig, agus gu tric mharbhadh e leth-dusan feadag leis an aon urchair. Chunnaic mi e, le gunna fada Spàindeach, a marbhadh guilbearnaich ’san tràigh le peilear. Chaidh esan agus mise, mar bha mi ag ràdh, mach a shealgaireachd air feasgar àraidh, le fras chaol anns gach gunna, a’s dùil againn ri cearcan-tomain fhaotuinn. Cha do thachair nì air bith oirnn fad ùine mhòir; ach ma dheireadh leum, mar a shaoil sinne, maigheach ghlas fhad chluasach a mach à toman reanaich, dlùth do Chàrn na Cailliche. Bha cù eunachaidh againn, ach ’sann a phill e air ais, (Air a leantuinn air taobh 166.) [TD 164] [Vol. 7. No. 21. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DESEMBER 16, 1898. BATAICHEAN-SMUIDE. Cha ’n ’eil focal anns a’ Bheurla a’s modha brigh agus is trice ann am beul dhaoine na steam. Cha ’n ’eil againn anns a’ Ghaidhlig aon fhocal a nochdas seadh co farsuing, iomadach, dealbhach ri steam. Is e smuid am focal a’s dluithe ’thig ann am brigh ’us ann an seadh ri steam. Tha gach neach min-eolach an diugh air na gniomharan mora ’tha smuid a’ deanamh air muir ’s air tir, ann am bataichean foghainteach a chur le deifir anabarrach air an slighe, ’s ann am mìle muileann cloimh, ’us paipeir, ’us cotain. Bithidh againn, agus air feadh an t-saoghail gu leir, amannan cruaidh ’us deuchainneach an drasda ’s a rithist. Bithidh daonnan iomadh aobhar air a thabhairt seachad airson nam bliadhnachan goirt air an d’ rinn mi luadh. Is e beachd MHIC-TALLA ’s mo bheachd fein gu bheil, le comhnadh na smuide ann am mile muileann ’us innleachd, gach ni air am bheil feum aig a chinne-daoine, air a dheasachadh co sgipidh agus co saoibhir ’us gu feum an saoghal moille ’dheanamh gus an tig crioch air saoibhreas nan nithean a bha air an uidheamachadh le neart, ’us dichioll, ’us innleachd iongantach na smuide. Tha iadsan airidh air co-fhaireachduinn a tha ’creidsinn gu bitheadh iomadh ni ni ’s fhearr na tha e, nam bitheadh comas mar a b’ abhaist, aig mìle fear-ceirde air an obair cheudna ’dheanamh le ’n lamhan a tha ’nis air a deanamh ann am pailteas uamhasach le neart ’us innleachd na smuide. Is e da rireadh naigheachd onorach agus iongantach a tha r’a innseadh mu dheibhinn nan doighean anns an d’ fhuair feallsanaich an t-saoghail eolas air brigh ’s air comas na smuide. Cha ’n ’eil eadhon feallsanaich treubhach ’us dichiollach a’ tighinn ach gle mhall air an aghaidh ann an cuisean diomhair na talmhainn a rannsachadh agus a thuigsinn. Mu 1802 chaidh bàta beag smuide ’thogail ann an Albainn, d’ am b’ ainm Charlotte D. Dundas. Buinidh cliu ard do Sheumas Uatt, a rugadh ann an Glascho, airson gach dichioll a rinn agus gach innleachd a nochd e ann an nadur na smuide ’dhearbhadh, agus eifeachd na smuide ’dheanamh aithnichte do ’n t-saoghal gu leir. Is e mo bheachd gur ann air aon de aimhnichean na Roinn-Eòrpa ’chaidh a’ cheud bata beag, fann smuide air uisge. Chaidh, ann an 1812, bata-smuide ’bu mhodha, d’ am b’ ainm an Comet, a chuir ann an uidheam ann an Albainn. Tha sinn ann an America mu thuath eolach air a Chlearmont, am bata-smuide ’chur Fulton ann an ordugh air an Amhainn Hudsoin, faisg air Iorc Nuadh. An deigh do Uatt agus do dhaoine foghluimte eile buaidhean na smuide ’fhaotainn a mach agus a dhearbhadh, bha moran aig an robh eolas nach robh faoin, a’ cumail a mach nach bitheadh e comasach gu brath soitheach no long a thabhairt thar a’ chuain bheucaich le neart ’us innleachd na smuide. Ann an 1819 sheol long d’ am b’ ainm an Sabhannah, bho Shabhannah anns na Stàidean mu dheas, gu Libherpool ann an Sasunn. Thogadh an t-Uilleam Rioghail (Royal William) ann an Cuebec, an 1832; agus fhuair i gach innleachd a bhuineadh dhi anns a’ Bhaile Rioghail (Montreal). Chaidh i thar a’ chuain ann an naoi laithean deug gu leth ann an 1832. Is ann air an Amhainn Fulda, ann am Pruisia, ’sheol, ann an 1807, a’ cheud bhata-smuide. Cha ’n ann gun toileachadh sonruichte tha sinn ann an Canada ’tabhairt fainear gur ann d’ ar dùthaich fein a bhuineadh an t-Uilleam Rioghail. Bha e gle fhurasda bàtaichean-smuide ’bu mhodha ’s a bu shnasmhoire ’thogail an deigh do bhataichean nach robh ach fann torman a’ chuain eitidh a sheasamh agus Mor-Roinn na h-Eòrpa ’ruigheachd. Is e Breatunn Mor (Great Britain) a’ cheud soitheach eireachdail iaruinn a chaidh a thogail ann an 1845. Bha mi fein gle òg agus cha d’ rugadh fathast MAC-TALLA, an uair a thogadh bata-smuide An-mhor an Ear (Great Eastern) ann an 1857. Bha ’m bata iomraiteach, laidir, fada ’s domhainn so, air a cur ri cheile le innleachd dealbhach agus foghainteach ann an 1857. Bha i dluth air seachd ceud troidh air fad, agus chosd i muillean punnd Sasunnach. Bha i fada air thoiseach, ann am meud, ’s ann an dealbh, ’us ann am boidhichead air gach soitheach a chaidh riamh a thogail agus a chur air saile. Ged tha seoladairean daonnan tapaidh, lamhach agus cruadalach, bha ’m bata-smuide uamhasach, an Great Eastern, co fada air thoiseach anns gach seadh, ’s nach robh eolas no comas gu leoir aig ceannard luinge air bith air ceartas a dheanamh rithe, no a chuid a b’ fhearr a thabhairt as gach meudachd ’us neart a bhuineadh dhi. Cha robh, mata, ach fortan bronach, bochd aig ceatharnach nan long. Chaill na daoine ’thog i an airgiod gu buileach, agus thainig crioch mhuladach air an long lurach, eireachdail, mheamnach—bata-smuide An-mhor na h-Airde ’n Ear. Rinn i maith sonruichte, oir ghiulain i ’na broinn fharsuing cord gne an dealanaich eadar Breatunn agus America. Tha cuimhne gle gheur agamsa air an doilgheas dhuaichni a bha air feadh cuibhrionn mhor de ’n t-saoghal, do bhrigh gu do bhrist an cord ann an 1865 am meadhon na fairge; oir bha onfhadh a’ chuain co luasganach, oillteil, ’s gu do bhrist an cord laidir leis an doruinn uamharra ’bha eadar treise na fairge ’s soitheach na smuide. Cheangail luchd tuigseach ’us gaisgeil na luinge fleodruinn (buoy) ris a’ chord a chaidh bhristidh, agus an ath bhliadhna ged bha ’n cord ceithir no cuig mìle fo ’n chuan eagalach, agus ged bha ’m fleodruinn fad a’ gheamhraidh a’ tulgainn a null agus a nall ann an tonnan ard na fairge, fhuair am bata mor greim air agus thog i e bho iochdar a’ chuain, agus air an doigh so bha da chord gne an dealanaich air an cur ann an ordugh gleusda eadar an Roinn-Eòrpa agus America. Rinn am bata-smuide lurach iomadh sochair eile, ann an coird gne an dealanaich (electric cables) a ghiulan agus a leigeil eadar Breatunn agus cearna no dha eile de ’n t-saoghal. Chaidh am bata maiseach so fa-dheoidh, a reic airson suim bheag airgid, agus chaidh a cur as a cheile. Is ann le mulad trom a bheir sinn fa chomhair ar n-inntinn àilleachd na bata-smuide so, agus gach euchd a rinn i, ’s gach gniomh feumail agus oirdheirc a b’ urrainn dhi ’dheanamh nam bitheadh ionnsachadh ceart am measg a seolaidearan. CONA. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Am Feillire. DESEMBER, 1898. 1 Dior-daoin Bas Raibeart MhicShim 1783 2 Di-haoine Breith Thormaid MhicLeoid D. D. 1783 3 Di-satharna 4 DI-DONAICH 2ra Domhnach na h-Adveint 5 Di-luain Bas Mhic Bheith, 1066 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin 8 Dior-daoin Breith Ban-righ Mairi, 1542. 9 Di-haoine 10 Di-satharna Crùnadh Alasdair III, 1214. 11 DI-DONAICH 3ra Domhnach na h-Adveint 12 Di-luain 13 Di-mairt 14 Di-ciaduin Bas Seumas V, 1542. 15 Dior-daoin 16 Di-haoine 17 Di-satharna Fògradh Seumas VII, 1689 18 DI-DONAICH 4mh Domhnach na h-Advent 19 Di-luain 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin An latha ’s giorra ’sa bhliadhna 8 u. 36m. 22 Dior-daoin 23 Di-haoine Rugadh Sir Isaac Newton, 1642 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH Latha Nollaig. 26 Di-luain 27 Di-mairt 28 Di-ciaduin Feill na Naoidheanan. 29 Dior-daoin 30 Di-haoine 31 Di-satharna A’ Challuinn. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 5, M. 52 M An Solus Ur, L. 13, U. 7, M. 29 M A’ Cheud Chairteal L. 19, U. 11, M. 8 F An Solus Lan, L. 27, U. 7, M. 25 M RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. [TD 165] [Vol. 7. No. 21. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha stoirm sneachda ann an Ontario toiseach na seachdain s’a chaidh, storm a bha moran na bu truime na b’ àbhaist a bhi ann cho tràth so ’sa bhliadhna. Thuit mu shia oirlich dheug de shneachda ann an Ottawa. Thill cóig duine fichead a mhuinntir Newfoundland, a bha ’g obair air an rathad-iaruinn aig Crow’s Nest Pass, dhachaidh air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig iad gu Sidni Tuath oidhche Dior-daoin, agus dh’ fhalbh iad air an t-soitheach-smuide “Bruce” an oidhche sin fhéin. Chaidh 34,000 tunna guail a chur a mach á mèinn Springhill air a mhios a chaidh seachad. Tha naodh ceud ag obair anns a mhèinn sin eadar dhaoine agus ghillean. Chaidh tuilleadh guail fhaotainn o chionn ghoirid, agus tha sin ’na ni math do ’n bhaile, oir cha mhair a chuid air am bheil iad ag obair an dràsda ach beagan bhliadhnaichean air a chuir a’s fhaide. Tha Lagh Seilg na dùthcha so ag innse dhuinn nach eil e ceadaichte Moose no Caribou a mharbhadh ann an Ceap Breatunn gus a cheud latha de dh’ October, 1899. Ach tha fear de phaipearan na seachdain so ag innse dhuinn gu’n deachaidh aireamh dhe na beathaichean sin a mharbhadh ann an siorrachd Victoria o’n thàinig an geamhradh. Tha sinn an dòchas nach eil sin fior. Di-satharna s’a chaidh, bhuail am bàta-smùide “Blue Hill” ann an drochaid na Narrows Mhora, agus chaidh a mhilleadh gu dona. Bha stoirm sneachda ann aig an àm, agus bha e doirbh am bàta stiùireadh. Chaidh a chàradh air dhòigh ’s gu’n téid aige air an t-aiseag eadar na Narrows us Baddeck a ruith gus an tig an deigh. Mur biodh cho luath ’sa thainig daoine chuideachadh an sgioba dh’ fhaodadh am bàta bhi air a chall gu buileach. Thatar ag radh gu bheil ceithir cheud muillein dolair ’na laidhe ann am Banca Shasuinn, a feitheamh air oighreachan an t-Seanalair Iain Smith, a thainig as na Stàitean gu ruige Nobha Scotia anns a bhliadhna 1750. Ma tha na tha dhe’n t-sloinneadh ann an Nobha Scotia nan oighreachan air an airgead, cha mor a ruigeas air gach aon. Cha b’iongantach leinn ged bhiodh am fortan so mar a bha iomadh fortan air a cuala sinn iomradh roimhe—gun sgeul air ach na chithear anns na paipearan naigheachd. Anns an ceithir bliadhna deug a chaidh seachad, chaidh binn crochaidh a thoirt a mach air ceud ’sa h-ochd ann an Canada. Chaidh tri fichead ’sa dha dhiubh sin a chur gu bàs a reir na binne, agus fhuair da fhichead ’sa sia as le tigh-obrach. Fhuair aon fhear, Lyman Dartt, as gun sin fhéin. Nuair a gheibhear duine ciontach de mhort, cha’n urrainn do chùirt no do bhreitheamh ach binn bàis a thoirt a mach air; ach an deigh sin faodaidh an t-àrd-riaghladh a bheatha leigeil leis ma chithear gu’m bu chòir sin a dheanamh. An deigh a latha Nollaig, (agus air latha Nollaig fhéin), faodar litir a chur a null do Bhreatunn agus mar an ceudna do àireamh mhor de na colonies, air son da shent. Air son litrichean a chur do aite sam bith ann an Canada no anns na Staitean, tha tri sentichean ri phàigheadh mar aig an àm so fhéin, agus tha daoine dhe’n bharail nach bu chòir sin a bhith. Ach cha ’n eil teagamh nach bi sin air a chur ceart an uine gun bhi fada, agus gu’m faodar litir a chur do àite sam bith an Canada, ’s na Stàitean, no an cearna sam bith de Impireachd Bhreatunn le da shent. Bidh a cheud litir le stamp an da shent air a cur air falbh maduinn na Nollaig leis an ard-riaghladair dh’ionnsuidh na Ban-righ’nn. Chaidh fear Alastair Slater a mharbhadh ann a Halifax toiseach na seachdain s’a chaidh le each a ruith thairis air. Bha e beò latha no dha an deigh do’n sgiorradh tachairt dha. Thainig an sneachda toiseach na seachdain so, agus o chionn latha no dha tha na deagh ròidean ann. Ma mhaireas e gu’n deigh na Bliadhn’ Uire, ni e feum mor do na marsantan, agus do mhuinntir na dùthcha air fad. Tha cùirt na siorrachd ’na suidhe anns a bhaile air an t-seachdain so. Tha àireamh mhor ’gam feuchainn aice air son creic an stuth làidir, feadhainn a bha air am faotainn ciontach leis an luchd-ceartais, agus a thog an càsan gu breitheamh a’s àirde. Chaochail gille beag aois dheich bliadhna, faisg air Moncton, N. B., o chionn beagan us seachdain air ais, ’se air e fhéin a phuinnseanachadh le Paris Green. Ghabh e an stuth sin air son e fhéin a dheanamh tinn gus nach biodh aige ri dhol dh’ an sgoil, far nach robh e faighinn air adhart mar bu mhath leìs. Chaidh tobar a chladhach faisg air Winnipeg air an fhoghar s’a chaidh, a tha gu bhi glé fheumail do’n bhalle. Thatar a toirt mu shia ceud mile galan as h-uile latha, agus cha toir sin de dh’ isleachadh as ach mu cheithir troighean. Cha’n eil an tobar ach coig troidhean deug air fhichead a dhoimhnead. Bidh Comhairle na siorrachd so a cruinneachadh air an deicheamh latha dhe ’n bhliadhn’ ùir. Thatar a toirt ionnsuidh air àireamh dhiubhsan a bha air an taghadh a chur a mach air son a bhi gabhail dòighean mi-laghail air bhòtaichean fhaotainn. Cha’n eil sinn fhéin a tuigsinn carson a rachadh daoine a cheannach bhòtaichean ma tha dreuchd na comhairleachd cho beag buannachd dhaibh ’sa ghabhas iad uil’ orra. Ma ’s e urram a tha dhith orra tha eagal oirnn gu bheil iad ga iarraidh ann an àite anns nach eil e ri fhaotainn. Bu chòir an lagh a bhi na bu chruaidhe na tha e air daoine bhios a ceannach bhòtaichean, no ’gam faotainn air dòigh mi-iomchuidh sam bith; agus bu chòir e bhi cheart cho cruaidh air muinntir a reiceas am bhòtaichean. Tha làn àm stad a chur air a mhalairt mhaslach sin gu buileach. IADSAN A’ PHAIGH. Iain Mac Gilleain, Scottsville. Ceit Mhoireastan, an Gut a Tuath. Bean Iain Mhic Dhiarmaid, Stirling. Dùghall Mac Cuithein, Glace Bay Mhor. Ailein D. Mac Gilleain, Valley Mills. Mrs. Nic Rath, an Amhuinn Mheadhonach. Iain Mac Gille-mhaoil, Grand Mira. Caitriona Chaimbeal, an Cladach a Tuath. Gilleasbuig Gillios, Gleann nan Sgiathanach. Gilleasbuig Mac Mhairis, Low Point. Bean D. J. Mhic Fhionghain, Kirkwood Post-mhaighstir, Low Point. Bean Murchaidh Mhic Leoid, Baddeck. R. Barclay, a Meinn a Tuath. 25c D. MacNèill, Loch na h-Aimhne Deas, N.S. Alastair Camaran, Lochabar, N.S. Murchadh Mac Laomuinn, Springton E.P.I. D. Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E.P.I. Aonghas Mac Aonghais, Martin Vale, E.P.I. Barbara C. Leitch, Lafontaine, Ontario, 50c Iain Mac-a-Mhaighstir, Lagan, Ontario. A. H. Caimbeal, Hartley, Ontario. I. I. Mac Rath, Martintown, Ontario. D. I. Mac Dhiarmaid, Kustonook, B. C. Gilleasbuig Camaran, Victoria, B. C. Domhnull Dùghlach, Longlaketon N. W. T. S. M. Mac Fhionghain, Moosomin, N. W. T. Murchadh A. MacCoinnich, Winnipeg, Man. Cailein Mac Ritchie, Holeb Maine. M. B. Mac Coinnich, Braigh Waipu N. Z. Domhnull Rothach, Reynaldstown, N. Z. Niall Mac Mhannain, Reynaldstown, N. Z. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 166] [Vol. 7. No. 21. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 163.) ’s a dhà chluais sìos air ’amhaich, agus ’earbal eadar a dhà chois; a’s rinn e donnal bhrònach air mo chùlaobh. Ruith an créutair a chuir sinn air a cois as a’ chàrn romhainn, gu direach cosmhuil ri maighich; agus ’nuair a bhrosguil sinn an cu, chaidh e na deigh mar a dheanadh e an deigh maighich eile. Lean sinn an créutair, gun teagamh air bith na amharras nach maigheach a bh’againn. Bha’m feasgar àillidh, san fhogharadh, agus bha ’ghealach-làn direach ag éiridh cùl cnoc. Ach coma co dhiùbh, lean sin air tòir na seilg, gun smuaineachadh gur créutair eile bh’ann ach maigheach. Ma dheireadh ghabh i car mu chnoc, agus thainig sinne mar asdar urchair dhi. Thog mo charaid a ghunna ri ’shùil. Ghabh e cuimse ghasda. Loisg e; ach cha d’fhalbh an urchair—cha d’ rinn ach am fùdar-cluaise lasadh. Chuir mise an gunna ri m’ ghualainn. Dh’ fheuch mi ri cuimse ’ghabhail; ach thainig seòrsa do laisge a’ m’ laimh—seorsa do chadal-deilgneach—’s cha b’urrainn domh an dealg-tharruing a ghluasad. Cha’n eil fios agam air thalamh ciod a dh’éirich dhomh. Bha no lamh air crith, ’s mo shùil a’ ruith, ’s mo chridhe a’ bualadh le farum iongantach an taobh a stigh dhomh. Ciod a th’ agaibh dheth, dh’fhalbh an créutair; ach chuir sinne romhainn a leantuinn. Bha’n cù na deigh. Chuir sinn na gunnaichean ’nan uidheam. Thainig lùs mo làimh air ais. Thainig i ’rithisd tarsuing oirnn. Loisg mise, ach cha do chuir mi ròin aisde. Thog i a h-earball gearr le fochaid, a’s thàr i as. Leig mo charaid dairearach mhath na deigh; ach bha e co math dha gnnna-spùtain a leigeadh rithe. Dh’fhalbh an créutair, a shaoil sinn gum bu mhaigheach, air a h-aghart gu tom na h-eaglais; a’s lean sinn’ i. Fhuair sinn cothram eile oire. Loisg sinn le chéile ’san aon mhionaid; ach bha’n créutair co luath lùghmhor ’sa bha i air tus. Thug i stigh oirre ’measg nan làrach bhriste, agus sinne fad na h-uine a’ smuaineachadh gur maigheach a bh’ againn. ’S iomad sgeul eagalach a bha air aithris mu na làraichean so—sgeulachdan is minig a thug air m’ fhalt éiridh air mo cheann le uamhas. Thachair do chlachair a bhi briseadh cuid de na seann làraichean so o chionn beagan bhliadhnachan, agus ciod a fhuair e—Nì-Math eadar sinne ’san t-olc—ach cnàmhan duine mairbh, a bh’ air am folach sa’ bhalla, ’s gun teagamh sam bith air a mhortadh ’s na h-àmanan dorcha sin. Ubh! ubh! b’ iadsan na h-àmanan oilteil! Cha’n eil fios ciod tuille ’fhuair na chual’ an clachair, ach cha’n fhacar deoch na daorach air riamh na dheigh sin a rithisd. Ach coma, chaidh mi air falbh o m’ sheanachas. Chaidh sinn a stigh air an dorus mhòr, ’measg na làraich bhriste. Bha gathan na gealaiche ’dearsadh air feadh an àit’ udlaidh; agus ciod a chunnaic sinn, gu cead duibhse, ach, mar a shaoil sinn, a’ mhaigheach ghlas, na cruban dluth do cheann na h-eaglais, aig lic a’ mhanaich. Bha mise deas, agus brath losgadh oirre; ach bhac an duine còir mi—’s b’e sin esan, am fìor dhuine cneasda mhothachail—bha urram aige do’n àite. Smèid e orm féin. “Thoir dhomh,” ars’ esan, “na putanan airgid ’tha ann am muilichinnean do léine.” Bha sin agam air an àm, putanan bhòidheach luachmhor do chlachan prìseil, air an suidheachadh ann an airgiod. “Thoir dhomh iad,” ars’ esan, le guth sòlainte, stòlda, samhach. Thainig crith air m’ fheòil. Cha d’ thubhairt mi diog, ach ghabh mi mo phutanan ghasda, a’s thug mi dhà iad. Chuir e putan mo làimh dheas ’na ghunna féin.” “So,” ars’ esan, “cuir am fear eile a’d ghunna féin.” Rinn mi so. “’Bheil thu deas?” ars’ esan. “Tha,” arsa mise, gu samhach, ’s am fallus a’ braonadh sìos air mo dhruim. “Gabh cuimse mhath,” ars’ esan, “an ainm nan cumhachdan math.” Chuir sinn na gunnachan ri’r guaillaibh, a’s loisg sinn ’san aon mhionaid. Le cead duibh, bha uamhas orm, agus chritheanaich mi gun fhios c’arsan. Ruith sinn le chéile dh’ ionnsuidh an àite far na shaoil sinn a faicinn marbh.” “Agus ciod,” ars’ an righ, “a bh’ann? Ciod a bh’ann! Innis dhomh.” “Bhà, le cead duibhse,” ars’ am ministeir, “maigheach ghlas reamhar!”—Cuairtear nan Gleann. “IRISH” NO GAILIG. A FHIR DO CHLANNAIBH GAEDHEAL,—Dochim gur dóigh le Mac-Iain ná tagaid le chéile a n-dubhart san MAC-TALLA agus an ni do chuireas tamall ó shoin ar n-a sgriobhadh i m-Beurla san Bulletin of the Catholic University. Dar mo bhriathar-sa go d-tagaid go direach le chéile. Adeir sé ná deunaim deithbhir ar bith idir fearaibh Eireann agus fearaibh Albann, amhail is ná beadh Gaedhil Albannaig ann idir, is gurab é is mian liom-sa, fir Albann do shluigeadh san cuir à follais. Go b-fóiridh Dia orrainn! Fiafraighim de Mhac-Iain anois: más ionann feol, fuil, bun, bárr is teanga dhóibh araon, cá, ngábhadh dhuinne a n-eidirdhealughadh? Má tá ni ann in nach ionann Gaedhil Eireann agus Gaedhil Albann ba iad na Sassanaig do rigne an ni sin agus na Gaedhil an-eolaig atá ag gabhailt leo-san. Ni ’l ainm da ghairm ar Ghaedheal nach oireann do gach Gaedheal eile beo é, agus muna b’ fhior dam é sin, biodh ormsa a mhillean os comhair fear n-Eireann agus Albann. Ata ni eile ann: Adeir Mac-Iain go bfuil da bhréithir mhaith Beurla aguinn ar Gaedheal agus Gaedhilge, eadhon Gael agus Gaelic. Fiafraigim aris an maith an Beurla seachtair diobh sin? Acht adeirm-se go bfuil focail mhaith Beurla ann agus mar gur Bheurla do sgriobhainn san Bulletin b’ i sin do chuireas sios. Da sgriobhainn Gaedhilge do thiubhrainn Gaedhilge mar ainm air. Agus is é an bhriathar sin, eadhon Erse, no Erysche, do réir mar sgribhthi ag an Aird-deacoin Munroe é. Dochim fos na leigfiidhe don duine urramach Roibeird Cambeul bheith ’na mhinisteur ag paraiste Cillarrow, in Ile, (an ait sin dan goirthear Islay an diu) san bhliadhna 1661, “for want of the Yrish tounge.” (Origines Parochiales, vol. II., p. 261). Agus tar a cheann sin dochim gur ordaig Oireachtas mhor na h-Albann suim bhliadhantamhail airgid do thabhairt uaithe san bhliadhain 1663, do cho-thughadh ministéiridhe “who had the Yrish tounge.” (ib. pp. 161, 294). Leighim fos i réim orduighthe na sgoile moire ag Aberdeen do rignedh san bhliadhain 1553: “Loquantur omnes Graecè Hebraicè Gallicè Hybernicè”; ionann sin agus a radh, “Labhraidis go léir Gréigis, teanga nan Eabhruigheach, Fraincis agus teanga na h-Eireann. (Fega leat Miscellany of the Spalding Club, vol. V. p. 400, Aberdeen, 1852) Ata fhios ag an saoghal go g-cleachtaid muintear na h-Albann idir Gaedhlibh agus Gallaibh Erse do thabhairt ar an Ghaedhilge an tan labhraid Beurla. Agus cad eile cad dubhairt mise acht an ni ceudua, eadhon Irish? Agus mar go d-tugadar muintear na h-Albann Irish d’ ainm ar a d-teangaidh riamh ’sa g-comhnaidhe agus is na bliadhantaibh sin reamhraidhte, cread fath nachar cead damhsa an rud ceudna do dhéanamh san bhliadhain-se? Bidis san fir Eireann agus fir Albann ann amhail do bhiodar i g-comhnaidhe, agus go m-bronnaidh Dia na g-comhacht rath ortha leith ar leith; ni h-ail liom-sa go sluigfeadh an dara fear an fear eile. B’ fhearr liom go m-beidis aris na g-comh-Ghaedhlibh mar budh coir, do reir a n-dubhart cheana. Ata a seacht n-oiread deug eile agam le a chur sios timchioll fear n-Eireann agus fear n-Albann, acht ni rightear a leas a thuilleadh a radh anois. Ta muinighin agam gur briseadh an briathar-chath-so ar Albainn don chor-so. Acht do b’ fhearr liom-sa go mbrisfidhe a leitheid sin do chath ar Eirinn agus ar Albainn gach lo fa seach, chum go d-tiubhradh gach neach diobh aithne ar a chéile aris. Mise duine do chineadh Scuit. RISTEIRD DE HENEBRE. An naomhadh la don deichmhi. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. AR STOC GEAMHRAIDH. SLEIGHEACHAN. Air an deanamh leis a Chanada Carriage Co. An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh. ACUINN. Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr BEIN. An “Saskatchewan Buffalo.” CLUIG agus CUIPICHEAN. Dhe gach seorsa. BRATAN-EACH. Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean. Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho C. P. MOORE. ’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu C. P. MOORE. Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. [TD 167] [Vol. 7. No. 21. p. 7] NA RIONNAGAN. Tha astar nan rionnag on talamh, agus o aon a chéile, co iongantach ris an àireamh aca. Tha ’n teallsanach Bessel a’ deanamh dheth gu ’m bheil na rionnagan suidhichte a’s faisge do ’n talamh tri fichead muillean de mhuilleanaibh mile air astar uaithe; agus ma tha iadsan a’s faisge co uamhasach fad’ air falbh, ciod a theirear mu ’n timchioll-san a tha cho fad’ as is gur gann a chithear iad. Tha an solus a gabhail teann air ochd mionaidean gu siubhal eadar a’ ghrian agus an talamh so, ach ghabhadh e cuig, deich, agus fichead bliadhna gu siubhal eadar cuid dhe na rionnagan sin agus an talamh! Cha’n urrainn an inntinn aireamh nam miltean astair a tha na rionnagan sin air falbh a thuigsinn. Ghabhadh peileir gunna moir, dh’ aindeoin a luathais, teann air ceithir muillean bliadhna gu gu tighinn o’n rionnag ris an abrar Draconis, a dh’ iounsuidh na talmhainn; agus is leoir sin chum a dheanamh soilleir nach comus duinn beachd freagarrach sam bith a ghabhail air an astar do-thuigsinn aig am bheil na rionnagan air an suidheachadh uainne! Tha moran anns a’ bharail gur lionmhor rionnag a tha ann, a tha co fad air falbh is nach d’ rainig an solus aca fathast an talamh so, o àm a’ chruthachaidh gu ruig an la an diugh! Thugadh so air na h-uile an smuaintean fein a shuidheachadh air a’ chumhachd neo-chriochnuichte sin a dhealbh na soluis mhaiseach so, agus a tha ’g an stiuireadh ’n an cuairtibh ann am farsuingeachd nèimhe! DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. [TD 168] [Vol. 7. No. 21. p. 8] An Stuamachd. SEISD— Thug a bliadhn’-ùr so mise nall, Nall do’n Oban-Ladharnach, Gun deanainn tùr a chur nan ceann A thionndaitheas o’n òl iad. Tha Comunn Stuamachd ann mar tha ’S mor a’ s-feàirrd am baile sin, Nam bidh an sluagh sin mar tha càch Bu truagh ’s bu nàr an t-Oban. An Comunn òigridh bha ’n diugh cruinn, Buinnidh dhuibhse neartachadh, ’Se buanachd dhuibh gu ’m bi ’ur clann ’Nam buill am Bann-an-dòchais. Tha iomadh tigh an diugh gun rian, Clann gun bhiadh gun teine ac’ ann, ’S na pàrantan ri cur na giadh, ’S nan ròst am beul an òsdair. Tha iomadh duin’ an diugh gu tinn— Puinnsean air an ath’ aige— ’S an t-ìm bu chòir bhi aig a’ chloinn, ’N a gheir am broinn an òsdair. Am fear nach toir d’a mhàthair fhéin, Na chuireas léine dh’ anart orr’ Cuiridh e boineid ’s brògan ùra, ’S gun air bean an òsdair. Léine thollta tha m’a dhruim, Còta, ’s uillnean straichd aige A chasan ag imleach a’ phuill, A mach troimh bhuinn nam brògan. Nach fhàs thu ciallach na thrà Mu’n teirig slàinte ’s cosnadh dhuit, ’S tu deanamh cùmhnant ris a’ bhàs ’Toirt smior do chnàmh do’n òsdair. Eadar aodach, màl is biadh, Nach ’eil an dial aig cosnaichean, Ged nach toireadh iad ’s a’ bhliadhna Bonn-a-sia do’n òsdair. Smeorach Clann Domhnull. LEIS A BHARD MAC ODRUM. Holaibh o iriag horoll o, Holaibh o iriag horo i; Holaibh o iriag horoll o, Smeòrach le Clann Dòmhnuill mi. Smeòrach mis’ air ùrlar Phabuill, Crùbadh ann an dùsal cadail, Gun deònachd a théid ni ’s faide, Truimead mo bhròin thoirleum m’ aigne. Smeòrach mis’ air mullach beinne, ’G amharc gréin’ ’us speuran soilleir; Thig mi stòlda chòir na coille, ’S bi mi beò air treòdas eile. ’Smeòrach mis’ air bhàrr gach bidein, Deanamh mùirm ri driùchd na maidne, Bualadh mo chliath luth air m’ fheadan, Seinn mo chiùil gun smùr gun smodan. Ma mholas gach eun a thìr féin, Ciod am fàth nach moladh mise, Tir nan curaidh tìr nan cliar, An tìr bhiachar, fhialaidh, mheasail. An tìr nach caol ri cois na mara, An tìr ghaolach, chaomhach, chanach, An tìr laoghach, uanach, mheannach, Tìr an arain, bhainneach, mhealach. An tìr riabhach, ghrianach, thaitneach, An tìr dhionach, fheurach, fhasgach, An tìr lianach, ghiaghach, lachach, ’N tìr ’m bi biadh gun mhiagh air tacar. An tìr choireeach, eòrnach, phailte, An tìr bhuadhach, chluanach, ghartach; An tìr chruachach, sguapach, ghaisneach Dluth ri cuan gun fhuachd rì sneachda. ’S i ’n tìr sgiamhach tìr na machrach, Tìr nan dìthean miadar daite; An tìr làireach, aigeach, mhartach, Tìr an àigh gu bràth’ch nach gaisear. ’N tìr is bòidh’che ta ri fhaicinn, ’M bi fir òg an còmhdach dreachmhor, Pailt ni ’s leòr le pòr na machrach, Spréigh air mòintich; òr air chlachan. An Cladh Chòthain rugadh mise, ’N Aird-a-Runnair ceaidh mo thogail, Fradharc a’ chuain uaimhrich chuislich, Nan stuadh guanach, cluaineach, cluicheach. Measg Chlann-Dòmhnuill fhuair mi m’altrum Buidheann nan sròl ’s nan seòl daithte’, Nan long luath air chuantan farsuing, Aiteam nach ciùin rùsgadh ghlas-lann. Na fir eòlach, stòlda, staideil, Bha ’s a’ chòmhstri stroiceach, sgaiteach, Fir gun bhron gun leòn gun airtneul, Leanadh tòir ’us toir a chaisgeadh. Buìdheann mo ghaoil nach caoin caitean, Buidheann nach gann greann san aisith, Buidheann shunntach ’n am bhi aca, Rùsgadh lann fo shranntaich bhratach. Buidheann uallach an uair caismeachd, Leanadh ruaig gun luaidh air gealtachd, Cinn ’us guaillean cruaidh ’g an spealtadh, Aodach ruadh le fuaim ’ga shracadh, Buidheann rìoghail ’s fior-ghlan alla, Buidheann gun fhiamh ’s iotadh fal’ orr’; Buidheann gun sgàth ’m blàr no ’n deannal, Foinnidh, nàrach, làidir, fearail. Buidheann mòr ’s am pòr nach troicheil, Dh’ fhas gu meamnach dealbhach toirteil; Eearail fo’n airm ’s mairg d’ a nochdadh Ri uchd stoirm nan leanabail coltas. Suidheam mu’n bhòrd stòlda, beachdail, ’N t-sùil ’s an dòrn nach òl a mach i, Slàint’ Shir Seumas ’se thigh’n dhachaigh, Aon Mhac Dhè mar sgeith d’ a phearsa. C’ait’ an Caidil an Ribhinn? O c’àit’ ad caidil an rìbhinn an nochd? O c’àit’ an caidil an rìbhinn? Far an caidil luaidh mo chrìdh, Is truagh nach robh mi fhìn ann. Tha ’ghaoth a’ séideadh oirnn o’n deas, ’S tha mise deas gu seòladh, ’S na ’n robh thu leam air bhàrr nan stuadh, A luaidh, cha bhithinn brònach. O, c’àit an caidìl, etc, Bha mi deas ’us bha mi tuath, ’S gu tric air chuairt ’s na h-Innsean, ’S bean t’ aogais riamh cha d’ fhuair mi ann, No samhladh do mo nigh’naig, ’S ann ort féin a’ dh’ fhàs a’ ghruag Tha bachlach, dualach, rìomhach, Fiamh an òir a’s bòidhche snuadh, ’S e dol ’na dhual ’s na cìrean. Cha tog fiodhall, ’s cha tog òran, ’S cha tog ceòl na pìoba, ’S cha tog brìodal nigh’naig òig Am bron tha’n diugh air m’ inntinn. ’S e dh’ iarrainn riochd na h-eala bhàin, A shnàmhas thair a’ chaolais, ’Us rachainn féin troimh thonnaibh breun A chur an céill mo ghaol dhuit. Tha nis gach nì a réir mo dheòin, Gach acfhuinn ’s seòl mar dh’ iarrainn, ’S gun mhaille théid mi air a tòir, ’Us pòsaidh mi mo nigh’nag. Bha teine ann an Kingston, Ontario, air an t-seachdain roimh ’n t-seachdain s’a chaidh a loisg fiach còig mile fichead dolair de thaighean ’s de bhathar. FAICEALL a mhuinntir òga, cha mhair na suilean boillsgeach, no na gruaidhean dearga sin agaibh fada ma bhios tinneas stamaig oirbh. Ma bha sibh gòrach ’s ma tha sibh a nise air ur cradh le cion-cnamhaidh, gairmibh g’ur cuideachadh an lighiche tapaidh sin, K. D. C. Cuiridh e ruaig air an nàmhaid, agus aisigidh e lathaichean briagha, sona dhuibh. Bu chòir K. D. C. a bhi anns gach tigh, oir leighsidh e gach seòrsa tinneas stamaig. Sampuill de K. D. C. ’s de na Pills a Nasguidh. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 169] [Vol. 7. No. 22. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 23, 1898. No. 22. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. VI. AG OBAIR AN GLASACHO. Bha Domhull cho feargach an àm dha bhith ’falbh as an taigh-ghnothaich aig Seumas ’s gu ’n do rug e air ghualainn orm, agus chuir e am mach roimhe mi. An uair a ràinig sinn an t-sràid, cha chumainn ach gann ceum ris. Ghabh e dìreach a dh’ ionnsuidh a’ cheud taigh-òsda ’thachair ris, agus ghrad dh’ òrdaich e biadh dhomhsa ’s dha fhein. Dh’ òrdaich e aig an àm cheudna glaine uisge-bheatha dha fhein. “Is bochd mar a dh’ éirich dhuinn, ’Eachainn,” ars’ esan; “cha d’ rinn mise spàin, ach tha amhrus agam gu ’n do mhill mi adhairc. Mar a chòdh chaidh. Cha ’n ’eil leasachadh air a’ chùis a nis. Feuchaidh mise ri àite ’fhaotainn dhutsa ann an Glasacho. Ged nach ’eil mise cho beairteach ri Seumas, tha mi na ’s deònaiche na e air làmh-chuideachaidh a thoirt a dh’ fhear-dùthchadh.” Bha Domhull Dughallach ’na fhior dhuine còir. Feumaidh mise, le ceartas, an teist so a thoirt air; oir cha do thachair duine riamh rium bu mhò a rinn dhomh de chuideachadh na e. Ach bha e anabarrach teith, bras ’n a nàdar. Dh’ innseadh e an ni a bhiodh air inntinn gu saor, soilleir, agus bu tric a choisinn sin diùmbadh gu leor dha. Ach bha e coma co dhiubh a bhiodh daoine toilichte dheth no nach bitheadh. Cho luath ’s a ghabh sinn ar biadh, rinn sinn deiseil gu tilleadh gu ruige Glasacho. Cha robh sinn fad air an rathad; oir bha ’n t-each iarainn luath, làidir mar a bha e riamh, agus an uair a dh’ fhalbh e ’s e sitrich ’s a’ sianail, chuir e astar mòr ’na dhéigh ann an ùine ghoirid. An uair a rainig sinn Glasacho, ghabh Domhull dìreach do ’n taigh-òsda, agus ghabh mise do ’n taigh-chomhnuidh aige. Dh’ innis mi do ’n mhnaoi a h-uile car mar a dh’ éirich dhuinn. Bha i a’ cheart cho diùmbach de Sheumas Mac Leoid ’s a bha Domhull fhein. Bha fhios aice air rud no dha m’ a dheidhinn air nach robh fios aig Domhull idir, agus ged nach d’ innis i dhomhsa a diomhaireachd, thuirt i rium gu ’n robh Domhull cho bras ’na nàdar ’s gur iomadh uair a dh’ fheumadh i nithean a chumail an cleith air, air eagal gu ’n cuireadh e dragh air an inntinn aige. An ùine gun bhith fada fhuair Domhull obair dhomh; agus ged nach robh an tuarasdal ach beag gu leòr, bu mhath e. Thuirt am maighstir gu ’n àrdaicheadh e mo thuarasdal an ceann gach leith-bhliadhna, na ’m bithinn ’nam dheadh sheirbhiseach. Chuir mi romham gu ’n deanainn mo dhleasdanas cho math ’s a b’ urrainn domh; oir cha robh toil agam, nam faodainn, dragh a chur air duine sam bith. Chaidh Domhull Dughallach comhladh rium a dh’ ionnsaidh na bùthadh anns an robh mi gu bhith ’g obair. Agus ’na dheigh sin chaidh sinn a shealltainn air son àite-fuirich dhomhsa; oir bha a’ bhùth anns an d’ fhuair mi obair gu math fad air falbh o thaigh mo charaide. Fhuair sinn seòmar beag, grinn, glan ann an taigh a bh’ aig leith-sheana bhoirionnach. Bha leaba-fhalaich anns an t-seòmar, agus bha fear eile, a bha còig bliadhna na bu shinne na mise, gu bhith fuireach comhladh rium anns an t-seòmar, agus a laidhe comhladh rium air an oidhche. An uair a chuir Domhull Dughallach ceisd oirre mu thimchioll an fhir a bha gus a bhith ’na chompanach leapadh agamsa, thuirt i ris gu ’n robh e air dhuine òg cho glic ’s cho modhail ’s cho iomchuidh anns gach dòigh ’s a bha riamh ’s an taigh aice. “Mur biodh e mar sin,” ars’ ise, “cha b’ àite tàimh dha mo thaigh-sa. Agus fhad ’s a ghluaiseas an duine òg a tha ’n so (agus i ’g amharc ormsa gu geur an clàr an aodain) e fhein gu measail, modhail, iomchuidh, theid mi an urras gu ’m bi mise ’s e-fhein reidh gu leòr.” Thuirt mo charaide rithe gu ’n robh làn earbsa aige annamsa, agus nan rachainn ris na daoine o ’n d’ thainig mi gu ’m bithinn modhail, iomchuidh gu leòr. Cha robh na bh’ agam ri phaigheadh air son mo roinn dhe ’n t-seòmar mor, agus ged nach robh, bha mo dhìol agam ri dheanamh le mo thuarasdal beag mo bhiadh ’s mo leaba ’phaigheadh, gun ghuth a thoirt air mi fhein a chumail ann an aodach ’s an caiseart. Ach thuirt mo charaide còir rium gu ’n cumadh e fhein ann an aodach ’s an caiseart mi gus am faighinn leasachadh tuarasdail. “Gabh thusa mo chomhairle-sa,” ars’ esan, “agus na bi ’smaointean air falbh o ’n mhaighstir a th’ agad. Gheibh thu beagan de leasachadh tuarasdail an ùine gun bhith fada. Ma bhios tu glic, cùramach, faicleach, deanadach, dìleas, cha ’n eagal nach fhaigh thu air aghart. Mar is fhaide a dh’ fhanas tu aig an aon mhaighstir is ann is fhearr a bhios do theisteanas an uair a dhealaicheas tu ris. Cha robh ’s cha bhi rath air an luchd-muinntir gun fhuras a bhios ag atharrachadh mhaighstirean a h-uile ceann ràidhe.” B’e ’n obair a bh’ agam an toiseach, a’ dol air thursan o àite gu àite air feadh a’ bhaile, agus a’ cuideachadh nan daoine a bhiodh a’ fosgladh nan pocannan agus nam bocsaichean anns am biodh am bathar a’ tighinn do ’n bhuthaidh. An uair nach biodh a’ bheag dhe ’n obair so ri dheanamh, bhithinn a’ toirt làmh-chuideachaidh do na daoine a bhiodh a’ reic a’ bhathair. Mar so bha mi beag air bheag ag ionnsachadh mar a dheanainn obair a b’ àirde na ’n obair a bh’ agam. Bha mi iomadh feasgar glé sgìth an àm dhomh bhith ’dol dhachaidh; agus ged a bha, cha robh mi ’gearain air cruas na h-obrach ri duine sam bith. An ceann na leith bhliadhna dh’ àrdaich mo mhaighstir mo thuarasdal mar a gheall e. A bharrachd air sin chuir e gini òir ’nam laimh, agus thuirt e, “Cha robh do thuarasdal, ’Eachainn, ach beag fad na leith bhliadhna a chaidh seachad, agus o ’n a bha thu glé dhichiollach, easgaidh an comhnuidh, tha mi ’toirt sin dhut mar chomharradh gu ’m bheil mi gle riaraichte leat mar sheirbhiseach.” Thug mi taing dha, agus thuirt mi ris gu ’n deanainn m’ uile dhichioll air gach obair a chuirteadh mu m’ choinneamh a dheanamh cho math ’s a b’ aithne dhomh. Cha ruig mi leas mion-chunntas a thoirt air gach ceum mar a bha mi ’faotainn air aghart. Foghnaidh dhomh a ràdh gu ’n robh mi o bhlidhna gu bliadhna a’ faotainn àrdachadh tuarasdail, agus a’ dìreadh ceum na b’ àirde ann an obair na bùthadh. Mar a thuirt a’ bhean laghach aig an robh mi a’ fuireach, bha mo chompanach cho iomchuidh anns gach dòigh ’s a b’ urrainn a bhith. Cha robh de chron agam air ach gu ’n robh e anabarrach samhach. Bha mi fhin ’s e fhein a’ tighinn dachaidh o ar n-obair aig an aon àm. An uair a shuidheamaid aig ar biadh, cha tigeadh facal, ach gann, a ceann fir seach fir dhinn. Cha robh e ’na ioghnadh ged a bha mise samhach an toiseach; oir cha robh mi ach òg. Agus a bharrachd air sin bha mi gle dhiùid aig an àm. Cha robh eòlas agam air a’ bheag de nithean a bheireadh toileachadh dhasan, agus thug sin orm fuireach samhach na bu trice na ruiginn a leas. Cha robh a’ bhean chòir aig an robh sinn a’ fuireach toilichte dhinn a chionn a bhith cho samhach ’s a bha sinn. Theireadh i ruinn an dràsta ’s a rithist an uair a bhiodh i ’tighinn a steach le ar biadh agus a’ toirt air falbh nan soithichean an deigh dhuinn a bhith deiseil dheth, gu ’m bu chòir dhuinn a bhith na bu chomhraitiche na bha sinn. Theireadh i ruinn, nach b’ fhiach cuirm gun a comhradh, agus gu ’m faodamaid fas ann am fiosrachadh, ann an eolas air iomadh ni, agus ann am fileantachd ’s an gleustachd cainnte le bhith ’comhradh na bu trice ri ’cheile. Ach a dh’ aindeoin na theireadh i ruinn bha sinne, gu beag ni, a’ fuireach cho samhach ’s a bha sinn riamh. B’ fhearr leinn le chéile a bhith ’leughadh leabhraichean is phaipearan; agus cha ’n ’eil teagamh agam nach robh sin a cheart cho buannachdail dhomhsa agus dhasan air a’ cheann mu dheireadh. Chunnaic mi iomadh neach o làithean m’ òige aig an robh comas bruidhne a bha neo-chumanta. Chumadh iad suas seanachas o mhoch gu dubh; agus an uair a sguireadh iad, cha b’ urrainnear a ràdh gu ’n robh dad a b’ fhiach de ghliocas no de thuigse ’nan seanachas. Mar is trice, is iad na daoine a’s bruidhniche a thachras ruinn is lugha a ni de smaoineachadh agus de bhreithneachadh. Far an taine an amhainn is ann is mò a ni i dh’ fhuaim. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is labhrach na builg fhàs.” Ach ged a tha so fìor, tha e mar an ceudna fìor gu ’m bheil an duine a tha tuilleadh is dùinte, samhach ’na dhuine gun mhòran tlachd. Tha àm gu bhith samhach ann, agus àm gu labhairt. Tha mi nis ’nam sheann duine, agus feumaidh mi a ràdh nach robh aithreachas riamh orm air son fuireach ’nam thosd; ach bha aithreachas orm mìle uair air son labhairt an uair bu chòir dhomh a bhith ’nam thosd. (Ri leantuinn.) Tha atharrachadh mor eadar sonas agus gliocas. Tha esan gun teagamh sona a tha da-rireadh a’ creidsinn gu ’m bheil e sona; ach is amadan an duine sin a tha ’g a mheas fein ni ’s glice na gach neach eile mu ’n cuairt da. [TD 170] [Vol. 7. No. 22. p. 2] NA GIOSRAGAN. (Air a leantuinn.) Bha ’n eaglais Caitleiceach ’us Pròstanach an aghaidh nan nithe so. So agad ceisd no dha á leabhar Cheisd na h-eaglais Chaitleicich, anns a Ghailig Eireannaich:— C.—A bheil a cheud àithne ’bacail ni sam bith eile? F.—Tha—buidseachd, eòlas, gisreagan, innse-fortain, a toirt brigh á bruadar, agus gach comunn do ’n t-seorsa sin ris an àibheistear. C.—An bhfuil se an aghaidh na h-Aithene si comhairle d’ iarraidh air luchd faisdine, draoidheachta, no piseog, noch do ni cunnradh ris an diabhal? F.—A ta gan amhrus; do bhrìgh gur ab o ’n diabhal gheibhid gach eòlus da mbi aca. C.—Criud is piseoga ann? F.—Briathra do radh, no comharrtha do dheunamh chum criche, do chum nach bhful brigh na braidh aca o Naduir, o Dhia, na o ’n Eagluis. Bha ’n eaglais Pròstanach mar an ceudna gu cruaidh an aghaidh an shaobh-chreidimh so; air dòigh ’s gu bheil e nis air dol bàs ann an tomhas mor a measg an t-sluaigh, ’s mur a teid na radhan so a chruinneachadh gun dail gu ’n teid iad gu tur air chall. Tha sgoilearan ann an Alba ’deanamh obair mhaith anns an dòigh so; agus bu choir duinne an America, gach cuideachadh a b’ urrainn dhuinn a thoirt daibh. ’S cinnteach mi na ’n tugadh Alasdair an Ridse an t-sreang bhar a phoca gur iomadh orra ’s eòlas ’us rud eile a dh’ fheudadh e thoirt dhuinn. Tha eòlas maith aige air sean eachdraidh agus air sean chleachdaidhean nan Gàidheal. Thug e droch spochadh air an fhear a bha sgriobhadh eachdraidh nan Caimbeulach. ’S ann a theab rud tàmailteach tachairt: da Ghàidheal a dol a mach air a chéile. Ach cha robh fios aig Alasdair gu ’n robh uibhir de dh’ fhuil nan Domhnullach an cuislean an sgriobhadair ’s a bh’ annta de dh’ fhuil nan Caimbeulach. Bha na Gàidheil bho shean, ma ta, a creidsinn ann an geasa a bheireadh mi-adh air duine. B’ e sin a bhi cur rosaid air. “Tha mise ’cur ort mar gheasaibh, ’s mar chroisibh, ’s mar naoidh buaraichean mnatha sithe siubhla, seacharain, laochan beag a’s meataiche ’s a’s mi-threoiriche na thu fein a thoirt a chinn ’s nan cluas, ’s nan comasan beatha dhiot.” Bha na geasa ’chum olc do neach; ach bha a seun no sian a chum dian dha. Bha e air aithris ’s air a chreidsinn gu ’n robh sian air cuid de na saighdearan ann am blar Chuil-fhodair; agus an uair a bha ’n càirdean a tuiteam air gach taobh dhiu gu ’n robh iadsan a toirt am breacan bhar an guaillean agus a crathadh nam peileirean asda. Bha a’ fear air an robh sian air a chur a dol air a ghlùinean air beulaobh an t-Sianadair. Bha an Sianadair an sin a’ cur a lamh air a cheann agus a dol mun cuairt da deiseil da uair, agus a labhairt mar so:— Sian a chuir Moire air mac ort, Sian ro’ mharbhadh, sian ro’ lot ort; Sian eadar a’ chioch ’s a ghlun, Sian eadar a’ ghlun ’s a bhroit ort. Sian nan tri ann an aon ort, O mhullach do chinn gu bonn do choise ort: Sian seachd paidir a h-aon ort, Sian seachd paidir a dha ort, Sian seachd paidir a tri ort, Sian seachd paidir a ceithir ort, Sian seachd paidir a coig ort, Sian seachd paidir a sia ort, Sian seachd paidir nan seachd paidir dol deiseal ri deagh uarach ort, ga do ghleidheadh bho bheud ’s bho mhi-thapadh. Bha an sin a’ Sianadair a tionndadh ’s a dol tuaitheal mu ’thimchioll, ag aithris nam briathran so:— Clogaid na slainte mu d’ cheann, Cearcall a’ chumhnaint mu d’ amhaich, Uchd-eididh an t-sagairt mu d’ bhroilleach Ma ’s ruaig bho ’n taobh-chuil, Brògan na h-Oigh ga d’ ghiulan gu luath. Sian nan tri ann an aon ort Bho mhullach do chinn gu bonn do shàil, Agus sian paidir nan seachd paidir Dol tuaitheal is deiseil, deiseil is tuaitheal, Gad ghleidheadh bho d’ chul Bho luaidh ’s bho chlaidheamh, Bho lot ’s bho mharbhadh, Gu uair is àm do bhàis. Bha a’ fear a bh’ air a shianadh an sin ag éiridh agus a falbh; agus bha an sianadair a cumail a shùilean dùinte gus am biodh am fear eile as an t-sealladh. Na ’m fosgladh e shùilean ’s gu ’m faiceadh ’se e, mhilleadh sin na bha deanta—thuiteadh an sian dheth ’n duine. Sin agad pairt de ’n bhaothaireachd a bha aon uair air a chreidsinn. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XI. Rugadh mise ann am Mosul, agus thainig mi o aon dhe na taghlaichean cho measail ’s a bh’ anns a’ bhaile. B’e m’ athair aon bu shinne dhe ’n deichnear mhac a bh’ aig mo sheanair. Phos iad uile mu’n do dh’ eug mo sheanair. Cha robh sliochd aig aon de bhraithrean m’ athar, agus cha robh de shliochd aig m’ athair ach mise. Thug e sgoil is ionnsachadh dhomh cho math ’s a fhuair fear sam bith dhe m’ sheorsa a bh’ anns a’ bhaile. An uair a thainig mi gu aois duine, thachair dhomh a bhith air Di-haoine araidh aig an urnuigh fheasgair anns an eaglais mhoir comhladh ri m’ athair, agus ri braithrean m’ athar. An uair a bha am na h-urnuigh seachad, agus a dh’ fhalbh a’ chuid eile dhe ’n chuideachd, shuidh m’ athair agus braithrean m’ athar anns an eaglais; agus shuidh mise comhladh riutha. An uair a thug iad greis air comhradh mu chaochladh nithean, thainig aca air bruidhinn air nithean iongantach a bha ri m’ faicinn ann an duthchannan cean an t-saoghail. Ach thuirt fear de bhraithrean m’ athar gu ’n robh a’ chuid bu mho de luchd-falbha an t-saoghail ag radh, nach robh aite sam bith air an t-saoghail cho taitneach anns gach doigh ris an Eiphit, agus idir nach robh amhainn air an t-saoghal coltach ri amhainn na h-Eiphit. Mhol e an Eiphit agus an amhainn cho mor ’s gu’n do dhuisg miann laidir ’nam inntinn gus a dhol do ’n Eiphit. A dh’ aindeoin na dheanadh cach de mholadh air Bagdad, agus air iomadh baile mor eile a bh’ anns an t-saoghal, bha m’ aire sa gu buileach air na chuala mi mu mhaise na h-Eiphit. Chuir m’ athair aonta ris na thuirteadh a’ moladh na h-Eiphit; agus chord sin rium anabarrach math. “Abradh gach duine na thogras e,” ars’ esan, “ach tha mise ag radh ribh, am fear nach fhaca an Eiphit, nach fhaca e na h-ioghnaidhean a’s mo a th’ air an t-saoghal. Tha ’n talamh uile lan dhe ’n or anns an Eiphit, tha mi ’ciallachadh, gu’m bheil am fearann cho saoibhir ’s gu ’n dean an luchd-aiteachaidh uile saoibhreas gu leor a chur ma seach. Is ann ’san Eiphit a tha na boirionnaich cho maiseach ’s a th’ air an t-saoghal. Agus is i amhainn na h-Eiphit an aon amhainn a’s iongantaiche a th’ air ur-uachdar an t-saoghail. Is ann innte a tha’n t-uisge a’s soilleire agus a’s blasda a th’ air an talamh. Tha ’n lathach fhein a tha’n amhainn a’ cur thar a bruachan a’ deanamh an fhearainn cho torach ’s gu’m bheil e toirt seachad moran a bharrachd barra air fearann sam bith eile. So mar a thuirt bard araidh ris na h-Eiphitich an uair a thainig e air falbh as an Eiphit: Tha ’n amhainn ’g ’ur lionadh le beannachdan gach latha; is ann dhuibhse a tha i ’ruith a tirean cean. Ochan! o’n a dh’fheumas mi thriall air falbh, sruthaidh mo dheoir cho pailt ’s cho bras ri uisge na h-aimhne. Tha sibhse ’fuireach gu bhith ’mealtainn gach solas a tha i ’toirt seachad, am feadh ’s a dh’fheumas mise an treigsinn an aghaidh mo thoile.” “Ma sheallas sibh,” arsa m’ athair, “air an eilean a th’ eadar da shruth mhora na h-aimhne, nach anabarrach lionmhor na seorsachan feoir a tha ’fas air! Tha e comhdaìchte leis gach uile seorsa dithean! Nach lionmhor aireamh nam bailtean a th’ann. Agus tha mile ni iongantach eile ri fhaicinn ann mar an ceudna! “Ma sheallas tu air an taobh eile, rathad Etiopia, nach iomadh ni iongantach a chi thu ann! Cha ’n urrainnear cainnt a chur air gach ni maiseach agus iongantach a tha ri fhaicinn ann? Nach e Cairo am baile a’s mo, is lionmhoire sluagh, agus is saoibhire a th’ air an t-saoghal uile? Nach lionmhor aitreamh mhaiseach ann! Ma sheallas tu air na pioramaidean, bidh tu air do lionadh le ioghnadh do-labhairt. Tha iad air an togail de chlachan a tha anabarrach mor, agus cha mhor nach ’eil na mullaich aca a’ ruigheachd nan speuran! Feumaidh tu aideachadh gu’n robh na righrean a thog iad anabarrach saoibhir, cumhachdach, glic, agus innleachdach, os cionn uile righrean na talmhainn gu leir. Tha na pioramaidean so cho sean ’s nach urrainn na daoine a’s foghluimte a th’ air an t-saoghal a dheanamh am mach c’uin a thogadh iad. Cha tuit iad gus an tig deireadh an t-saoghail. “Cha toir mi iomradh air na bailtean a tha ri cois na mara, mar a tha Damietta, Rosetta, Alecsandria, do’m bheil daoine dhe gach cinneadh fo ’n ghrein a’ dol a cheannach gach seorsa grain, agus aodaich, agus nithean gun aireamh eile air am faod feum a bhith aig daoine. Tha mi ’labhairt mu nithean a chunnaic mi; oir bha mi aireamh bhliadhnachan anns an Eiphit agus gu latha mo bhais their mi gur ann a chaith mi a’ chuid bu taitniche dhe mo bheatha.” Cha b’ urrainn braithrean m’ athar cur an aghaidh facal dhe na thubhairt e; an aite sin, dh’ aidich iad gu’n robh na dh’ innis e mu’n Eiphit fior gu leor. Bha m’ inntinn-sa cho lan dhe na chuala mi ’s nach d’ rinn mi norradh cadal an oidhche ud. An uine ghoirid na dheigh sid thuirt braithrean m’ athar gu’n robh na dh’ innis m’ athair dhaibh m’a dheidhinn na h-Eiphit an deigh drughadh gu mor air na h-inntinnean aca. Thuirt iad ris gu ’m bu choir dhaibh uile falbh air thurus do’n Eiphit. Dh’ aontaich m’ athair leotha; agus o’n a bha iad ’nam marsantan beairteach, chuir iad rompa gu’n tugadh iad leotha gach seorsa bathair a b’ fhearr a gheibheadh reic ’s an Eiphit. An uair a bha iad a’ faotainn gach ni deiseil gu falbh, chaidh mi far an robh m’ athair, agus ghuidh mi air le deuraibh gu’n leigeadh e leam falbh comhladh ris, agus gu’n tugadh e dhomh bathar gus mi ’g a reic dhomh fhein. “Tha thu ro og,” arsa m’ athair, “gus a dhol air thurus do ’n Eiphit. Bidh tu air do chlaoidh tuilleadh is mor mu’n ruig thu. Agus a bharrachd air sin, tha mi cinnteach gu’n reic thu am bathar air chall.” Ged a thuirt m’ athair so, bha mise cho toileach air a dhol do ’n Eiphit ’s a bha mi riamh. Ghuidh mi air fear de bhraithrean m’ athar bruidhinn ri m’ athair as mo leith. Rinn e so, agus thuirt m’ athair gu’m leigeadh e leam a dhol cho fada ri Damascus, far an robh mi gu fuireach gus an tilleadh iad air an ais as an Eiphìt. “Tha baile Dhamascuis,” arsa m’ athair, “anabarrach mor maiseach, agus feumaidh tu bhith riaraichte le fuireach ann gus an till sinne as an Eiphit.” Ged a bha toil gu leor agam a dhol na b’ fhaide comhladh riutha, thuirt mi rium fhein gu’m b’ fhearr dhomh comhairle m’ athar a ghabhail. Dh’ fhalbh sinn a Mosul, agus chaidh sinn troimh Mhesapotamia, tarsuinn air amhainn mhor Euphrates, agus rainig sinn Alepo, far an do stad sinn beagan laithean. As a sin chaidh sinn gu ruige Damascus. Chuir a’ cheud shealladh dhe’n bhaile ioghnadh gu leor orm. Bha sinn uile ’fuireach anns an aon taigh-osda. Fhuair mi sealladh math air baile a bha mor, daingnichte, agus anns an robh sluagh [TD 171] [Vol. 7. No. 22. p. 3] lionmhor. Bha aireamh mhor dhe’n t-sluagh anabarrach maiseach. Bha sinn aireamh laithean anns a’ bhaile agus chuir sinn seachad a’ chuid bu mho dhe’n uine a’ coiseachd anns na liosan maiseach a bha mor-thimchioll a’ bhaile. Agus dh’ aidich sinn uile gu’n robh am baile agus gach ni a bha mu’n cuairt dheth ’na shealladh cho maiseach ’s a b’ urrainn duine sam bith fhaicinn. Mu dheireadh rinn iad deiseil gu gabhail air an aghart gu ruige an Eiphit; ach mu ’n d’ fhalbh iad, reic iad mo chuid bathair-sa cho math ’s gu’n d’ rinn e dhomh a’ cheud uiread ’s a chosg e dhomh. Thug an t-suim mhor so anabarr toileachaidh dhomh. An deigh dhaibh falbh bha mi ’toirt an aire nach cuirinn am mach mo chuid airgid ann an nithean gun fheum Ach aig a’ cheart am ghabh mi taigh mor, maiseach, a bh’ air a thogail, de chloich mharmoir, agus a bh’ air a’ chuartachadh le garadh-lios cho briagha ’s a bh’ anns a’ bhaile. Chuir mi innsreadh ann a bha math gu leor air son mo leithid. Bhuineadh an taigh an toiseach do dh’ aon de thighearnan mora ’bhaile; ach na dheigh sin bha e aig marsanta cho saoibhir ’s a bh’ anns a’ bhaile. Thug mise da bhonn oir ’s a’ mhios de mhal air a shon. Bha seirbhisich is searbhantan agam, agus bha mi ’caitheamh mo bheatha mar a bha daoine uaisle a’ bhaile ’deanamh. Air uairibh bhithinn a’ toirt cuirm do m’ luchd-eolais, agus bhiodh iadsan mar an ceudna ’g am chuireadh-sa gu cuirm. Bha mi mar so a cur seachad na h-uine, agus mi ’feitheamh gus an tilleadh m’ athair. Cha robh ni suarach sam bith a’ togail m’ aire, agus cha robh a dh’ obair agam ach a bhith ’comhradh ris na daoine measail air an do chuir mi eolas. Air latha araidh an uair a bha mi ’nam shuidhe aig a’ gheata ann am fionnaireachd an latha, thainig boirionnach maiseach air an robh trusgan riomhach far an robh mi, agus dh’ fheoraich i dhiom an robh mi ’reic bathair? Cha bu luaithe a chuir i a’ cheisd so orm na ghabh i steach do m’ thaigh. An uair a chunnaic mi gu’n deachaidh i steach, dh’ eirich mi agus dhuin mi an geata, agus theoraich mi steach do sheomar i, agus dh’ iarr mi oirre suidhe. “A bhaintighearna,” arsa mise, “bha bathar agam roimhe so, a dh’ fhaodainn a shealltainn dhut; ach tha mi duilich nach ’eil e agam a nis.” Thug i an srol bhar a h-aghaidh, agus bha i ’na boirionnach cho briagha ’s gun do thuit mi ann an gaol oirre anns a’ mhionaid. “Cha’n ’eil feum sam bith agam air bathar,” ars’ ise; “is ann a thainig mi a dh’ aon ghnothach gus d’ fhaicinn, agus am feasgar a chuir seachad ’nad chuideachd, ma’s e do thoil e. Cha ’n ’eil mi ag iarraidh ort ach greim suipearach.” (Ri leantuinn.) “IRISH” NO GAILIG. FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN, Ma tha mi gu ceart ’ga thuigsinn, tha an t-Urramach an t-Ollamh De Henebre a fiachainn ri dearbhadh ann an da dhòigh, gu ’m beil Irish na ainm Beurla a fhreagras gu math air Gaidheil na h-Albann ’s air an cànain. ’S e a cheud dhearbhadh a tha e ’toirt seachad gur “ionann feol, fuil, bun, barr is teanga dhaibh,” agus leis a sin gu freagair an t-ainm a fhreagras air an darna h-aon air an aon eile. Leanamaid so, agus c’aite faigh sinn sinn-fhein? Freagraidh an t-ainm Beurla Scotch air Gaidheil Albainn; ach na ’n gabhamaid an t-ainm so air muinntir na h-Eireann ’s iomadh guth foirmeil a dh’ eireadh suas ’n ar n-aghaidh, agus ’s ceart gu ’n eireadh. Anns an ath àite tha e toirt dhuinn eiseimpleirean á sean sgriobhaidhean far am beileas ag gabhail Irish air cainnt nan Gaidheal Albannach. Nise cha ’n i Beurla na siathamh linn deug ’tha an t-Ollamh Urramach a sgriobhadh idir; agus a reir an Standard Dictionary—ùghdair Beurla cho math ’s cho ùr ’s a th’ againn—tha am facal Irish airson nan Gaidheal Albannach agus airson an cànain archaic: ’s e sin ri ràdh, gu ’m bheil e air dol á fasan, agus nach ’eil sgriobhadairean matha a deanamh feum dheth tuille. Nan rachadh an t-Ollamh Urramach air ais tri na ceithir de linntean eile, thigeadh e gu àm ’n uair a theirte gu tric Scotia ri Eirinn, agus Scoti ri ’daoine. Ach, mo thruaighe ’n duine a theireadh an diugh gur e Scotchman a bh’ ann an Daniel O’Connell! A bharr air a so ’s iad feadhainn do nach b’ aithne Gaidhlig ’s a bha ’coimhead sios oirre, a bhiodh am bicheantas ag gabhail Irish oirre. Agus bha am mearachd so car nàdurra, ’chionn ’s ann le Eireannaich a bha a chuid bu mhotha de na sean leabhraichean Gaidhlig air an sgriobhadh, agus gu tric leanaidh a phairt a’s lugha a phairt a’s motha. Air an latha ’n diugh cluinnear gu tric England airson Britain, agus English no Anglo-Saxon airson British; ach cha dearbh so gum beil iad ceart. O chionn corr a’s ceud gu leth bliadhna ’s gann gu faigh sinn sgriobhadair Albannach do ’n aithne Gaidhlig, a their Irish ri cainnt nan Gaidheal Albannach. Tha na facalairean Beurla a’s fhearr ag ciallachadh le Irish, muinntear na h-Eireann, an sliochd ’s an cànain; agus ’s e Gadhelic na Gaelic, an t-ainm Beurla coitcheann a tha iad a toirt air cànain Eirinn, Albainn agus Manninagh; agus leis a sin cha ’n ’eil feum sam bith air Irish anns an t-seadh so ach gu gu strith a chumail suas, ni nach taitneach leis a h-aon againn. MAC-IAIN. Des. 17, 1898. Tha esan nach toir maitheanas do dhaoin’ eile a’ bristeadh na drochaid air an eiginn da fein dol thairis; oir tha feum aig gach neach air maitheanas. MURCHADH AGUS MIONACHAG. Chaidh Murchadh agus Mionachag do’n choille aon là a bhuain subh; ach mar a bhuaineadh Murchadh dh’ itheadh Mionachag. Dh’ fhalbh Murchadh a dh’ iarraidh slat a ghabhail air Mionachag ’s i ag itheadh a chuid subh. “Dé do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” ars’ an t-slat. “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’n fhaigh thu mise,” ars’ an t-slat, “gus am faigh thu tuagh a bhuaineas mi.” Ràinig e an tuagh. “Dé do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Tuagh a bhuain slait—slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’n fhaigh thu mise gus am faigh thu clach a bhleitheas mi.” Ràinig e a’ chlach. “Dé do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Clach a bhleith tuaigh—tuagh a bhuain slait—slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’n fhaigh thu mise gus am faigh thu uisge a fhliuchas mi.” Ràinig e an t-uisge. “Dé do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Uisge ’dhol mu chloich—clach a bhleith tuaigh—tuagh a bhuain slait—slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’n fhaigh thu mise gus am faigh thu fiadh a shnàmhas mi.” Ràinig e am fiadh. “Dé do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Fiadh a shnàmh uisg’—uisge ’dhol mu chloich—clach a bhleith tuaigh—tuagh a bhuain slait—slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’n fhaigh thu mise gus am faigh thu gadhar a ruitheas mi.” Ràinig e an gadhar. “Dé do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Gadhar a ruith féidh—fiadh a shnàmh uisg’—uisge ’dhol mu chloich—clach a bhleith tuaigh—tuagh a bhuain slait—slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’n fhaigh thu mise gus am faigh thu ìm a theid ri m’ chasan. Ràinig e an t-ìm. “Dé do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Im a dhol ri casan gadhair—gadhar a ruith féith—fiach a shnàmh uisg’—uisge ’dhol mu chloich—clach a bhleith tuaigh—tuagh a bhuain slait—slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’n fhaigh thu mise gus am faigh thu luch a sgriobas mi.” Ràinig e an luch. “Dé do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Luch a sgrìobadh ime—im a dhol ri casan gadhair—gadhar a ruith féidh—fiadh a shnàmh uisg’—uisge ’dhol mu chloich—clach a bhleith tuaigh—tuagh a bhuain slait—slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’n fhaigh thu mise gus am faigh thu cat a shealgas mi.” Ràinig e an cat. “Dé do naigheachd an diugh, a Murchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Cat a shealg lucha—luch a sgriobadh ime—im a dhol ri casan gadhair—gadhar a ruith féidh—fiadh a shnàmh uisg’—uisge ’dhol mu chloich—clach a bhleith tuaigh—tuagh a bhuain slait slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’n fhaigh thu mise gus am faigh thu bainne dhomh.” Ràinig e a’ bhó. “Dé do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Bainne do’n chat—cat a shealg lucha—luch a sgrìobadh ime—im a a dhol ri casan gadhair—gadhar a ruith féidh—fiadh a shnàmh uisg’—uisge ’dhol mu chloich—clach a bhleith tuaigh—tuagh a bhuain slait—slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’n fhaigh thu bainne uamsa gus am faigh thu boitean o ’n ghille-shabhail domh.” Ràinig e an gille-sabhail. “Dé do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Boitein do ’n bhó—bainne do ’n chat—cat a shealg lucha—luch a sgrìobadh ime—im a dhol ri casan gabhair—gadhar a ruith féidh—fiadh a shnàmh uisg’—uisge ’dhol mu chloich—clach a bhleith tuaigh—tuagh a bhuain slait—slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’n fhaigh thu boitean uamsa gus am faigh thu bonnach o ’n bhean-fhuine dhomh.” Ràinig e a’ bhean-fhuine. “Dé do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh— Bonnaich do ’n ghille-shabhail—boitein do ’n bhó—bainne do ’n chat—cat a shealg lucha—luch a sgrìobadh ime—im a dhol ri casan gadhair—gadhar a ruith féidh—fiamh a shnàmh uisg’—uisge ’dhol mu chloich—clach a bhleith tuaigh—tuagh a bhuain slait—slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh mo chuid subh.” “Cha’ fhaigh thu bonnach uamsa gus an toir thu stigh uisg’ a dh’ fhuin eas e.” “Có ann a bheir mi stigh an t-uisge.” “Cha’n ’eil soitheach ann ach an criathar-cabhrach sin.” (Air a leantuinn air taobh 174.) [TD 172] [Vol. 7. No. 22. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DESEMBER 23, 1898. Mu’n am so dhe’n bhliadhna, is àbhaist do dhaoine bhi guidhe cridhealais us sonais dha chéile, ni a tha iomchuidh agus freagarrach. Tha an Nollaig air a cumail mar chuimhne air breith an Ti sin a thainig a shuidheachadh sith air an talamh, agus deagh-ghean do dhaoine; agus bu chòir an latha bhi air a chumail gu h-iomchuidh, cha’n ann mar a b’àbhaist do dhaoine anns na h-amannan a dh’fhabh, agus mar a tha moran a deanamh eadhon anns na h-amannan so fhéin—le geòcaireachd agus le pòitearachd—ach le aoibhneas agus sith, agus le deagh-ghean do mhuinntir eile. An àite bhi mi-bhuileachadh ar maoin oirnn fhéin, cuimhnicheamaid air muinntir eile—cha’n ann orra-san a ni an ni ceudna ruinne, ach orrasan nach eil comasach air eadhon na goireasan feumail a chumail riutha fhéin. Deanamaid an Nollaig a chaitheamh gu sona sinn fhéin, agus thoireamaid comas a caitheamh gu sona do mhuinntir eile. Tha MAC-TALLA, le uile dhùrachd a chridhe, a guidhe d’a luchd-leughaidh ’s do na Gàidheil uile, sean agus og, bochd agus beairteach, fad air falbh agus faisg air laimh, NOLLAIG CHRIDHEIL, SHONA, anns an t-seadh a’s buanachdaile agus a’s fhearr. SOITHICHEAN NA SMUIDE. Bha ’n t-eadar-dhealachadh co anabarrach eadar longan ciuin agus mall seolaidh agus eadar bataichean tapaidh na smuide, air chor ’s nach ’eil ioghnadh idir ann ged bha eagal no uamhunn air moran sluaigh, agus air na Gaidheil am measg chaich, am feadh a bhi iad a’ faicinn longan a’ siubhal le toit os an ceann ’us le luathas eagalach thar gach caoil ’us cuain. Thug Fionnladh Piobaire sgeul firinneach air dealbh ’us innleachd Bata na smuide, mar tha Tormoid Mac Leoid a’ cur an ceill: “Sailthean iaruinn agus slatan a’ gluasad a nunn agus a nall, a sios agus a suas, air an ais ’s air an adhart, gun tamh, gun stad. Cnagan agus gobhlan agus eagan a’ freagairt d’ a cheile. Cuibhleachan beaga ’n an deann-ruith mu na cuibhleachan mora. Duine truagh shios am measg na h-acfhuinn, a’ cur na smuid deth. ‘A dhuine thruagh!’ arsa Para Mor, ‘’s ann agam nach ’eil suil ri d’ aite! Is daor a tha thu ’cosnadh d’ arain!’ ‘C’ar son?’ ars’ esan. Ged a labhradh a gheimhleag iaruinn a bha ’n a laimh, cha b’ urrainn duinn barrachd ioghnaidh a bhi oirnn, na ’n uair a chuala sinn an duine so ’labhairt na Gailig. ‘An saoil thusa, a Phara Mhoir, nach anns a’ cheann a smaointich an toiseach air a so, ’bha ’n innleachd.’ ‘Coma leam e fhein ’us innleachd,’ arsa Para Mor; ‘coma leam i. Cha ’n ’eil an innleachd so cneasda!’” Ged bha, ma dh’ fhaoidte, beachdan agus mi-run Fhionnlaidh agus Phara Mhoir gle chumanta, ’nuair a dh’ eirich smuid a’s soithichean air tus, feumar aideachadh, le toileachas ’us taingealachd, gur e latha grianach a dhealraich air an t-saoghal, do brigh gu do nochd bataichean-smuide iad fein air mìle loch ’us amhainn ’us cuan. Rinn gach duthaich a tha ri taobh na fairge oidheirp luath, dhurachdach air longan-smuide ’thogail no ’fhaotainn doibh fein leis am bitheadh comas aca air bathair ’us marsantachd a ghiulain gu tirean cein agus a thabhairt bho rioghachdan eile g’ an ionnsuidh fein. Cha robh Canada idir mairnealach ann an durachd a nochdadh airson soithichean-smuide ’fhaotainn a bheireadh i ann an dluthas sonruichte ri Breatunn agus ri Roinn na h-Eòrpa. Is e cabhlach nan Ailean a thoisich air tus air maith mor a dheanamh do Chanada, le bhi ’nasgadh na duthcha so le ceanglaichean laidir, daingeann ri Breatunn. Is e duine treubhach, ard-inntinneach, eudmhor a bha ann an Eoghann Ailean. Chaill e fein agus a chuideachd iomadh soitheach smuide. Nam bitheadh iad gealtach bheireadh iad suas gach oidheirp ’us durachd airson soithichean-smuide ’chur air falbh gach seachduin. Chum iad suas am misneach, agus shoirbhich leo fa-dheoidh, gu pailt. Choisinn iad moran airgid le ’m bataichean-smuide, ’s rinn iad euchdan fiachail, foghainteach do Chanada gu leir. Is gle thric a bhitheas daoine ’g radh gur iad bataichean-smuide nan Ailean agus rathad-iaruinn an Stuic An-mhoir (Grand Trunk) a bhuilich air Canada am fath agus an cothrom a b’ fhearr a fhuair i riamh airson a h-ionmhasan a nochdadh do ’n t-saoghal, agus dealas ’us gaisge ’s eud a sgaoileadh am measg a luchd-aiteachaidh thall ’s a bhos. Is lionmhor na soithichean eireachdail smuide bhuineas do Chanada an diugh, ’s a tha ’tighinn a nios re miosan an t-samhraidh gus a’ Bhaile Rioghail. Is tlachdmhor da rireadh, agus is greadhnach mar an ceudna, an sealladh a chithear ann an acarsaid a Bhaile Rioghail, am feadh a tha amhuinn aluinn Chanada fosgailte, ’s gun sneachd no reothadh. Air a bhliadhna so fein, thainig cuig ceud soitheach-smuide ’s sia-deug bho ’n chuan gus a’ Bhaile Rioghail. Ged a ghleidheas sinn cuimhne gu tainig aireamh de na soithichean-smuide ud uair no dha gus a’ Bhaile Rioghail, aidichidh sinn gu deonach gu bheil malairt Chanada farsuing ’us luachmhor, agus gu bheil cairdeas dluth aice na marsantachd le iomadh cearna de ’n t-saoghal. Tha soithichean-smuide ’thainig a nuas o ’n chuan fharsuing am bliadhna comasach air muillion agus ceathramh muillion tunna de bhathar no de mharsantachd, no de ni air bith eile ’ghiulain. Tha aobhar aig daoine Halifacs a bhi proiseil gur anns a’ bhaile sin a rugadh Somhairle Cunard, a chuir air chois, maille ri Burns agus Mac Imheir, an cabhlach a’s aille, ’s modha meas ’us cliu, ’s is fhearr fortan, am measg soithichean-smuide ’n t-saoghail. Is ann eadar Iorc Nuadh agus Sasunn a tha na soithichean lurach so ’seoladh. Is ann le cuibhleachan taoibh a bha na soithichean so air tus air an iomairt. Cha ’n ’eil ceann no crioch air gach dichioll, ’us saothair, ’us innleachd a tha daoine ’deanamh. Is ann air an aobhar so, ’thainig crioch air a bhi ’tabhairt spionnaidh ’us tapaidh do bhataichean na smuide le cuibhleachan taoibh. Is ann le bithis (screw) a tha gach soitheach-smuide ’tha ’dol thar a’ chuain a nis air a deifireachadh air a slighe. Tha e ’nis comasach air barrachd maith ’us neirt a thabhairt as an smuid, agus air an aobhar so, tha na soithichean mora air an greasachd ’s air an neartachadh ann an tomhas sonruichte. Tha da bhithis aig gach bata-smuide ’tha ga togail an diugh. Tha na soithichean a’s fhearr a’ triall thairis air cuig ceud agus tri fichead mìle ’s an latha, ’s a losgadh ceithir cheud tunna guail gach latha. Leis an inntinn luath, luasganach a bhuineas duinn anns an linn so, is e iarrtus iomadh neach gu faigheamaid doigh air imeachd thar a’ chuain le luathas ’us deifir ’us modha na tha againn fathast. Tha luchd-riaghlaidh Chanada car uine fhada ’deanamh dichioll airson bataichean-smuide a’s luaithe na tha againn, fhaotainn eadar Breatunn agus Canada. Tha Canadianaich foghluimte ’dearbhadh nam bitheadh rathaid-iaruinn eadar corp na duthcha ’s Louisburg, agus nam bitheadh soithichean ullamh, gleusda eadar Louisburg—coimhearsnach MHIC-TALLA—’s Breatunn, gu bitheadh an t-astar eadar an Roinn-Eòrpa agus America mu Thuath air a ghiorrachadh gu mor. Tha dochas aig MAC-TALLA gu teid an t-slighe so ’roghnachadh, agus gu bi comas aig gach Gaidheal a theid a null no ’nall thar a’ chuain eolas a chur air MAC-TALLA, ’s speis ’us meas a nochdadh dha ann an Sidni. CONA. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. [TD 173] [Vol. 7. No. 22. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh fear Seumas Mac Neill, a mhuinntir Bhaoghasdail, a bhàthadh o chionn mios air ais air cladach Cholumbia Bhreatunnach. Chaidh an soitheach air an robh e, an “Kootenay Lake” a bhristeadh. Dh’fhàg e bantrach ann an Thorburn N. S. Tha sgiobair agus meat soithich a mhuinntir Cheap Breatunn, an deigh iad fhéin a chur ann an dragh ann a Halifacs. Reic iad àireamh bharailtean flùir a bh’ aca air bòrd an t-soithich, agus airgead a dhith orra air son beagan fhiach a bh’orra phàigheadh. An deigh dhaibh sin a dheanamh, fhuaireadh a mach nach bu leotha fhéin am flùr a chreic iad, agus chaidh an cur ’san lagh. Bha na h-Onaraich A. G. Blair, agus W. S. Fielding maille ris an Onarach G. H. Murray, air chuairt ghoirid ann an Ceap Breatunn deireadh na seachdain s’a chaidh. Thainig iad gu Sidni Tuath feasgar Di-haoine far an d’amhairc iad thairis air an laimhrig a thatar a togail aig a bhaile sin, chuir iad an oidhche seachad ann an Sidni, agus Di-satharna thill iad air an ais, a taghal ann am Baddeck air an t-slighe. Chuireadh fàilte mhor air na h-ùaislean ann an Sidni Tuath. Tha iad ag radh gu bheil dùil aig Prionnsa Wales tigh’n air chuairt do Chanada air an t-samhradh s’a tighinn, ach cha ’n eil fhios fhathast am bheil no nach eil sin fior. Ma thig e, cuirear fàilt’ agus furan air le muinntir na dùthcha so. Bha e ann an Canada roimhe anns a bhliadhna 1860; air an turus sin, dh’ fhosgail e Drochaid Victoria ann am Montreal, agus ma thig e air an t-samhradh s’a tigh’n cuirear mu choinneamh an drochaid cheudna fhosgladh a rithist, oir tha i nise air a h-ùrachadh cho mor ’s gu bheil i mar dhrochaid uir. Chaidh atharrachadh mor a dheanamh air Drochaid Victoria, air a bhliadhna so. Nuair a chaidh a togail an toiseach bha i air a meas ’na drochaid cho eireachdail ’s cho iongantach ’sa bha air an t-saoghal; ach tha i uaithe sin air a dhol gu mor á fasan. Bha i air a togail air cumadh pioba no bocsa fada, troimh an robh an carbad-smùide a ruith. Bha sin glé mhi-thaitneach do luchd-turuis, oir bhiodh an drochaid dorcha agus ceòthach; a bharrachd air sin fhuaireadh a mach uaithe sin gu ’m biodh drochaid fhosgailte moran na bu làidire agus na b’ aotruime, agus am bliadhna chaìdh sin a dheanamh dhith; tha i nise ’na drochaid briagha da-rireadh. Tha da rathad do charbaid-iaruinn oirre, a bharrachd air rathad do charbad-sràide, agus rathad each us choisichean. Rinneadh bàthadh muladach ann an Grand River, Di-satharna s’a chaidh. Bha dithis nighean le Gilleasbuìg Camaran comhla ri ’m bràthair, a cluich mu ’n amhainn; agus air do ’n ghille dhol ro fhada mach air an deigh bhrist i fodha. Ruith na h-igheanan a mach gus a shàbhaladh, ach mu ’n d’ rainig iad e brist an deigh fodhpa; chaidh iad troimhpe, agus bha iad air an giùlan air falbh le sruth na h-aimhne. Fhuair an gille e-fhéin a thoirt as an deigh, agus rinn e tir gu sàbhailte. Tha e ’g radh gu ’n d’ fhairich e a pheathraichean air an giùlan air falbh leis an t-sruth direach ri thaobh. Cha d’ fhuaireabh cuirp nan caileagan bochda fhathast. Cha robh an te bu shine dhiubh ach mu dha bhliadhn’ deug a dh’ aois, agus an te a b’ òige eadar deich us aona bliadhn’ deug. Tha co-fhaireachduinn mhor aig na coimhearsnaich ris na pàrantan, a tha nise air am fàgail gun aca dhe ’n teaghlach ach an aon ghille. Chaill iad dithis eile dhe ’n chloinn le tinneas, o chionn beagan bhliadhnaichean air ais. Thatar ag radh gu bheil e fior gu’n d’ fhuaireadh, air lobhta seann tighe ann a Weymouth, N. S., bocsa anns an robh fiach $50,000 de bhuinn òir. Chaidh mu shia fichead us cóig mile barailte de dh’ ùbhlan a chur a null do Bhreatunn air an fhoghar so dh’fhalbh á siorrachdan an iar Nobha Scotia, agus cha robh an sin ach gann leith na bh’ aig muinntir nan siorrachdan sin ri chreic. Bha na h-ùbhlan glé phailt air a bhliadhna so. A réir na saothair a thatar a buileachadh air mèinnean oir Nobha Scotia, tha luach mor airgeid a tigh’nn asda,—theagamh gu bheil barrachd ’sa tha tigh’nn as a Chlondaic. Ann an Canada air fad, thatar a meas gu’n deachaidh mu fhiach da fhichead muillion dolair de dh’òr a thoirt as an talamh air a bhliadhna so. Theab an sneachda falbh gu buileach toiseach na seachdain so, ach dh’ fhuirich uiread ’sa rinn bonn math a dh’ fheitheamh air an ath shneachda thigeadh. Shil beagan sneachda air feadh na seachdain, agus leasaich sin na ròidean, air doigh ’s gu bheil coltas orra bhi beagan na’s fhearr mu am na Nollaig na bha dùil aig daoine bhitheadh iad. Thainig bàs gle aithghearr Di-màirt s’a chaidh air seann duine d’ am b’ ainm Weber a bha fuireach aig South Bar. Bha e deanamh deiseil gu tigh’n a stigh do’n bhaile, agus air dha suidhe gu deoch theth a ghabhail mu’n falbhadh e, thuit e marbh. Bha e ann an deagh shlàinte gu beagan mhionaidean mu’n do chaochail e. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois. Tha an sgeul, “Mar a rinn mi m’ fhortan,” a toirt mor-thoileachadh do luchd-leughaidh MHIC-TALLA, mar a bha làn dhùil againn a dheanadh i. Tha i ’na naigheachd a thà air a sgriobhadh cho math, agus air dòigh cho taitneach ’s nach urrainn i gun toileachadh a thoirt do neach sam bith a ghabhas an t-saothair a leughadh. Tha àireamh bheag de na paipearan anns am bheil na caibideilean roimhe so againn fhathast, agus bidh iad air an cur a dh’ ionnsaidh feadhainn a chuireas a dh’ iarraidh MHIC-TALLA as ùr. Cha’n eil sinn an dùil gu mair iad ro fhada, agus is còir dhaibh-san a tha air son an sgeul iomlan a bhi aca cur a dh’ iarraidh a phaipeir gun dàil. Tha a Bhan-righ a dol a dheanamh ridire de Uilleam C. Domhnnllach am Montreal. Is mac Mr. Dòmhnullach do ’n Onarach Dòmhnull Dòmhnullach, nach maireann, an Eilean a Phrionnsa, agus ogha do’n Chaiptean Iain Dòmhnullach, a shuidhich moran de na Gàidheil ann an sgireachdan Ghlinn-Alladail, Ghlinn-Fionnain, Tracadie, agus Fort Augustus, air Eilean a Phrionnsa. B’e ’n Caiptean Dòmhnullach so ochdamh ceann-feadhna Chloinn Dòmhnuill Ghlinn Alladail, agus bha e ann an aon de na réiseamaidean Gàidhealach a chuir Breatunn a dh’ America nuair a bha na Stàitean a cogadh air son an saorsa. Fhuair Uilleam C. Domhnullach a bhreith us àrach ann an Gleann-Alladail, an Eilean a Phrionnsa. Tha e an deigh saoibhreas mor a dheanamh le factoridh tombaca a tha e ruath o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean ann an Montreal. Is duin’ e a tha e gle fhialluidh mu chuid airgeid; tha e ’n deigh roinn mhor a bhuileachadh air oil-thigh Mhic Gill, am Montreal. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 174] [Vol. 7. No. 22. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 171.) Thug Murchadh leis an criathar-cabhrach, agus ràinig e an tobar; ach a h-uile dèur a chuireadh e sa’ chriathar-chabhrach rachadh e troimhe. Thainig feannag os a chionn agus ghlaodh i, “Gòrag, gòrag!” “Tha thu ceart, fheannag,” arsa Murchadh. “Crè ruadh ’s còinneach—crè ruadh ’s còinneach,” thuirt an fheannag. Chuir Murchadh crè ruadh agus còinneach anns a’ chriathar; thug e stigh an t-uisge do ’n bhean-fhuine, agus fhuair e— Bonnach do ’n ghille-shabhail—boitean do ’n bhó—bainne do ’n chat—cat a shealg lucha—luch a sgrìobadh ime—im a dhol ri casan gadhair—gadhar a ruith féidh—fiadh a shnàmh uisg’—uisge ’dhol mu chloich—clach a bhleith tuaigh—tuagh a bhuain slait—slat a ghabhail air Mionachaig ’s i ’g itheadh a chuid subh. Ach an uair a thill Murchadh bha Mionachag an déidh sgàineadh. TRUSADH A’ CHROTAIL. LE DONULL MAC CALUM. A réir gealladh an uachdarain do Chaptain Goblets, chaidh a chroit a thoirt o Chalum Brocair agus a toirt do Phara nam Feadag. Cha luaithe fhuair Para ’chroit na thòisich e air sealg air a làmh féin mar gu’m bu leis féin am mona. Ach cha leigeadh an t-eagal le Lorain no leis a Ghille Bhàn sealltainn ris a mhonadh idir. Air là bha sin thuirt Para riù—“Cha’n fhaod a bhith fheara gur e gu’m brath mise oirbh tha g’ar cumail o shealg nam fiadh. Nach ’eil mi féin a dol tric gu leòir ann, ’s cha ’n ’eil eagal orm gu’m brath sibh-s’ orm.” “Ceart gu leòir,” deir Lorain, “tha cho math dhuinn ma ta innseadh dhuit gu bheil sinn dol a shealg do ’n Choire-liath seachdain o’n diugh. Bithidh an Captain o’n tigh, fhuair sinn a mach, air an là sin.” “’S math a gheibh sibh sin,” deir Para, “tha mise dol o ’n tigh air an là sin cuideachd, agus mar sin bithidh an Coire-liath agaibh dhuibh féin.” Cha robh na fir cho socharach ’s gu ’n do chreid iad briadhran Phara choir. “Innsidh mi dhuit,” deir Lorain ris a Ghile, “dé a ni sinn. Théid sinn do’n mhona gun teagamh, ach ’s ann a thrusadh crotail a theid sinn.” “Glé cheart,” deir an Gile, “gheibh sinn, mar sin dearbhadh air a’ chùis gun sinn féin a chuir ann an cunnart,” ’N uair a thàinig an là thog na fir ris a Choire-liath. Mu àird fheasgair, ’s iad greis an deigh pocana crotail a lìonadh, fhuair iad iad fein air an cuartachadh ’s air an glacadh le Captain Goblets ’s a chuid ghillean. Cha do shaor am bòideachadh iad gur ann a trusadh crotail air son clò-mòr a dhath o bhi air an toirt air falbh do’n phrìosan. Chaidh na pocan a dhortadh ’s an crotal a leigil leis a ghaoith. Air là a mhòid chaidh a chùis a chuir air beulabh a bhrithe—“Captain Goblets,” deir easan, “should be ashamed of treating the poor men in this outrageous manner, for simply being found gathering crottle, which is so needful to them for dying their tweeds, on which they mostly live.” Chuir sud tàmailt cho mòr air a Chaptain, ’s g’a cheartachadh féin, gu’n d’ thuirt e—“My lord, we had more reason than appears on the surface to believe these men were trespassing in pursuit of game. Let me read you this telegram which I received on the day before we caught them, from my late gamekeeper, Para nam Feadag—“Lorain and Gille Bain will be poaching on Coire-liath to-morrow.’” “I hope after this,” deir am brithe, “the Captain will not be so ready to believe every traitor who may happen to inform on his neighbours.” Fhuair na fir dhachaidh saor. Ach thuig iad nach robh math dhoibh dol a shealg nam fiadh cho fada ’s bhiodh Para nam Fedaig ’s a choimhearsnachd. ’S e na bh’ aig Para còir air son a dhragh an litir so fhaotainn o’n Chaptain—“Captain T. Goblets, C. K. P, sends no compliments to Para nam Feadag, but he wishes to remind him that the next time he will attempt to make a fool of him he will suffer severely for it.” SGEUL MU CHOLUMBUS. Thachair do’n duin’ ainmeil so ann sa bhliadhna 1504 a bhi air a thilgeadh air falbh, e fein agus a shoithichean, air cladach Jamaica, ionad a fhuair e fein a mach naoi bliadhna roimhe sin. Chaidh a luingis a bhrise gu tur, dh’ éirich na seoladairean ann an ceannairc na aghaidh, a’ bagradh a chur gu bàs; bha na h-Innsineich bhochda, a bha caoimhneil riu sa cheud dol a mach, a nis a’ fàs sgìth dhiubh; agus a’ diultadh tuille lòin a thoirt dhoibh. Thuig Columbus n’an cailleadh na h-Innsineich am meas mòr a bh’ac’ air mar dhuin’ aig an robh eolas thar cuimse, gum fàgadh iad esan agus a dhaoine gu bàsachadh, oir bha e fein agus iadsan gu buileach an earbsa riu arson am beathachaidh. Leis an eolas a bh’aige air an speuraibh bha fios aige gum biodh dubhar air a Ghealaich ann an là no dhà. Chruinnich e muinntir an Eilean m’an cuairt da an là m’an robh an duibhre ri bhith, agus an déigh dha achmhasan a thoirt doibh, arson an giulain d’a thaobh, dh’ innis e dhoibh gun robh esan agus a chuid daoine fo chùram àraidh an Spioraid ghlormhor sin a tha chòmhnuidh air neamh, a chruthaich, agus a tha riaghladh, an t-saoghail. Gun robh esan ann an corruich riu arson mor dhiult iad fòir air-san agus air a dhaoine, d’an robh speis mhòr aig an àrd Spiorad sin. Diolaidh esan oirbhse ur mi-chneasdachd; agus mar dhearbhadh air a chorruich ’nar n-aghaidh, air an oidhche so fein diultaidh a Ghealach a solus, thig duibhre oirre air dhath na fola, agus cha ’n ’eil ’an sin ach toiseach air na breitheanais a bheir e oirbh. Chuala na h-Innsineich bhochda so le iongantas, gun fhios co dhiubh a chreideadh no nach creideadh iad e. ’Nuair a thòisich an duibhre uidh air uidh ri tighinn air a Ghealaich, ’s a chunnaic iad dath na fola teachd oirre, mar thuirt Columbus, ghlac uamhas mòr iad. Ruith iad le anabharra eagail a dh’ ionnsuidh an taighean còmhnuidh, agus air grad philleadh dhoibh a dh’ ionnsuidh Cholumbuis, luchdaich iad e le teachd-an-tir, agus shleuchd iad sios da, ag asluchadh aìr gun deanadh e eadar-ghuidhe air an Ard Spiorad as an leth. Ghabh Columbus air a bhi air a bhualadh le ’n dian earail, agus gheall e aontachadh le’n iartais. Dh’ fhalbh an dubhar a bh’ air a Ghealaich, agus o’n àm sin cha robh cion lòin air na Spaindich, agus cha chuireadh na h-Innsineich air chor air bith miothlachd orra. O’n tha an Nollaig ’sa Bhliadhn’ Ur air an turus so a tighinn air an t-Sabaid, tha àrd-riaghladh Chanada an deigh òrdugh a chur a mach ag àithne agus a ceadachadh do dhaoine Di-luain an 26mh, agus Di-luain an 2ra a chumail nan lathaichean saorsa. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. Am Feillire. DESEMBER, 1898. 1 Dior-daoin Bas Raibeart MhicShim 1783 2 Di-haoine Breith Thormaid MhicLeoid D. D. 1783 3 Di-satharna 4 DI-DONAICH 2ra Domhnach na h-Adveint 5 Di-luain Bas Mhic Bheith, 1066 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin 8 Dior-daoin Breith Ban-righ Mairi, 1542. 9 Di-haoine 10 Di-satharna Crùnadh Alasdair III, 1214. 11 DI-DONAICH 3ra Domhnach na h-Adveint 12 Di-luain 13 Di-mairt 14 Di-ciaduin Bas Seumas V, 1542. 15 Dior-daoin 16 Di-haoine 17 Di-satharna Fògradh Seumas VII, 1689 18 DI-DONAICH 4mh Domhnach na h-Advent 19 Di-luain 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin An latha ’s giorra ’sa bhliadhna 8 u. 36m. 22 Dior-daoin 23 Di-haoine Rugadh Sir Isaac Newton, 1642 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH Latha Nollaig. 26 Di-luain 27 Di-mairt 28 Di-ciaduin Feill na Naoidheanan. 29 Dior-daoin 30 Di-haoine 31 Di-satharna A’ Challuinn. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 5, M. 52 M An Solus Ur, L. 13, U. 7, M. 29 M A’ Cheud Chairteal L. 19, U. 11, M. 8 F An Solus Lan, L. 27, U. 7, M. 25 M BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. AR STOC GEAMHRAIDH. SLEIGHEACHAN. Air an deanamh leis a Chanada Carriage Co. An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh. ACUINN. Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr BEIN. An “Saskatchewan Buffalo.” CLUIG agus CUIPICHEAN. Dhe gach seorsa. BRATAN-EACH. Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean. Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. [TD 175] [Vol. 7. No. 22. p. 7] FACAL MO PHOSADH. Fhir tha gu’n phosadh, gur gorach le’m fein thu ’S nighneagan boidheach an comhnuidh gu’n fheum dol, Togsa do chridhe, oir ’s mithich dhuit eirigh; ’S bean a thoirt dhachadh, chum t-aighearr a mheudach. Mar is aithne dhuibh uile, tha am posadh na ni urramach, agus ion-miannaichte, air chor agus gu bheil òigridh agus meadhon-aois, ag amharc ris mar ni sonruichte a bheir dhoibh sòlas, agus aoibhneas, nithe nach ’eil bitheanta air am mealtuinn. Gidheadh ’s e thubhairt neach roimhe, “Nuair a phòsas tu bean posaidh tu dragh.” Theiream ris an neach sin, “Gun dragh is saothair cha’n fheudar neach a thoileachadh.” Bha moran anns gach linn aig an robh sùil ri pòsadh agus nach do phòs riamh. Bha cuid duibh sin a bha cho romhor dhiubh fein, agus nach gabhadh iad ach marcaichean, gidheadh cha ’n fhaigheadh iad na marcaichean, agus bho ’n a bha iad a sealltuinn sios air na coisichean, b’e an crannchur, am beatha a chaitheadh aineolach air seòlasan agus dolasan an dream tha pòsda. Ach ’s e mo bharail nach robh moran riamh ann nach feudadh posadh oir, “Fhuair Dòmhall Dall bean.” Theagamh gu ’m bu mhiann leis an leughadair fios a bhi aige ciod i a bhean a fhuair Domhall Dall so; bha tri traithean a dh’ àirde innte, agus b’ ionnan a leud, bha na brogan a bha i cosd cho mor gu’n cumadh gach aon diubh sac mòine, bha sròn orra anns an robh faisge air leth-traoidh a dh’ fhad, agus bhiodh an dara fiacail aice a brosnachadh an teine, agus an te eile a fosgladh an doruis, agus a bhi nis aithghearra, bu cho-ro-uamhasach an aghaidh a bh’ aice ’s gum b’ eigin di poca-bola a chur mu ceann, an uair a bhiodh i dol o’n tigh, air eagal gu ’n cuireadh i barra-chinn air neach sam bith a dh’ fheudadh coinneachadh rithe air an t-slighe. A chum gu ’m pòsadh na h-uile m’ an teid a chuid is fearr d’ an laithean seachad, ’s e mar bu còir a bhi air a dheanamh, agus mar a tha sinn a’ creidsinn a nithear gun dàil, na h-uile fear a ruigeas dà fhichead bliadhna a dh’ aois, théid cis a leagadh air, a chum gach maighdean nach d’ fhuair fear a chumail mar mhnaithean-uaisle ré uile laithean am beatha. Uime sin thusa tha gu’n phosadh dean cabhag, agus faigh bean, mu ’n eigin duit t-airgead a chosd ri maighdeannan nach aithne dhuit. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 176] [Vol. 7. No. 22. p. 8] Na Laithean a Dh’aom. LEIS AN DOTAIR MAC LACHLUINN. Tha na siantan air caochladh, Tha ’n saoghal fo sprochd, Chuir an doineann fhuar, fhiadhaich, An ianlaidh ’n an tosd; Tha sneachda tròm, dòmhail A’ comhdach nam beann, A’ lionadh nan glacan, ’S a’ tacadh nan allt; ’S mise ’feitheamh an aisig Aig carraig a’ chaoil, Ri smaointean air àbhachd Nan làithean a dh’aom. Ann an làithean ar n-òige Dol ’n còmhdhail an t-sluaigh, Cha sheall sinn ach faoin Air mar dh’ aomas iad uainn; Cha tig e ’n ar smaointean Cho goirid ’s tha ’n dàil, Gus am brùchd oirnn gach leòn Ni ar lùbadh gu làr, Gun chùram gun eislein, Aig teumadh air taobh, Air làithean a’ snàg uainn Gun àireamh air aon. ’N uair a luidheas an aois oìrnn ’S a dh’ aognas ar snuadh, Ar ciabh ’dol ’an tuinead, Agus smal air ar gruaidh, Bith’dh teugmhail nan còmhlan A’ comhradh gu truagh, Agus càirdean ar n-oige Air sòmhladh ’s an uaigh; ’S ann an sin bhios ar cridhe Làn mulaid ’us gaoid, Ri smaointean air àbhachd Nan làithean a dh’ aom. O! Ard-Righ na cruinne, Ceann-uidhe ar dùil, Air an t-sneachda fhliuch fhionnar Dhuit a lùbas mi glun; ’S guidheam ortsa gu ’n òrduich Thu dhomhsa gu glic, ’Bhi ’cuimhneachadh d’ òrduigh Gu h-umhal ’s gu tric; Chum ’nuair chriochnaicheas m’ astar Ann an glacaibh an Aoig, Nach cuimhnich thu m’ fhàilinn Anns na laithean a dh’ aom. Tuireadh a Bhaidsileir. Gur a mise tha gu tùrsach ’S mi na ’m aonar ’s an àiridh, Tha mo chiabh air fas aotrom, ’S cuid ’s an tiurra dhi bànadh; Cha do thriall i le aois bhuam, Ach a sguradh ’s a caradh; ’S mor gum b’ fhearr a bhi ’n Cuba, Na gun mhnaoi agad lamh riut, D’ an ghnàth tha ceart. ’S iomadh bliadhna bha dùil-a’m ’Nuair a dhlùth’inn a ghraiseach, ’Deis a bhualaidh gu faodainn Amharc dlùth feadh na nàbachd; ’S iomadh te thug mi gaol di, Ged a chum mi bho chàch sid; Tha iad uile—’se chiùrr mi— ’N acfhuinn dhùbailt aig garlaoich, Gu bràth fodh ghlais. Ach na ’m aghaidh chaidh cùisean Cha do thionndaidh mar b’ àill leam, ’N uair a reic mi mo shaothair Fhuair e cùiltean gun àireamh. Rinn mi m’ inntinn a chùnntais, ’S cha bhiodh punnd ann do Mhaireig; Thainig Ailean an taobh so, ’S thug an slaodaire grannda Le fàin’ i as. Ged a tha mi na ’m aonar ’S mi gun chùram, gun phàisdean, Chi mi cuid aig ’eil grùnn diu Tigh’nn tromh’n t-saoghal gun fhàillean. Tigh’nn ’san fheasgar bho ’n saothair Gu ’m bi aoidh air an fhàrdaich; Cupan blath a bhios cùbhraidh, ’S anns gach aogas bi gràdh dha. Bi àgh ann ’s flath. Anns a mhaduinn ’n àm dùsgadh ’S a theid smùid ’s a’ chnap-phraisich, E cho ruadh ris an t-snaoisean, ’S cian bho ’n chaochail e àileachd. Tha phoit-thi ’s i as m’ aonais ’S mi ri tionndadh ’s gach àite, Rinn ’s an oven mi ’faotainn ’S i air maoladh ’s gun mhas innt’. De fàth toirt as? ’Nuair a nigh mi le dichioll Cupa, trinnseir ’us sàsair, Cha robh breid anns an tir dhomh Bheir a lidh dhiu a dh’ fhàg mi; Ach a bhròg rinn mi fhuasgladh ’S i ri tuasaid nach b’ abhaist, Beic neònach na ’m ghluasad, ’S fhuair mi ’n uair sin fodh’ m’ shail e, ’S e àillidh, tais. Bha mi nighe mo léine ’S mi ri speuradh ’sa Ghàilig; Cha robh siabann ag éiridh, Ged an dé bha e làmh rium. ’Nuair a fhuair mi bhi réidh dhi ’S mi ’ga gréidheadh ’s a’ ghàradh, Bha mo chuimhseas ag éigheach, “B’ fhearr a h-eugas mar bha i Ma ’n d’ fhuair i mach.” Bha mi fuinne Di-haoine Bho ’n bha duil-a’m ri partie, Rinn mi dòrlach math taoiseadh ’S mi ga thionndadh ’san àmhainn; Ach a tuar cha robh caochladh, I cho slaobach ’s gun tath innt; ’N cuir a shron orra ’n cu dhomh, Ged a chum mi gun chàil e. De dh’ fhag mi as? Ach na ’m faiceadh sibh m’ ùrlar, ’M brat sùghmhor a dh’ fhàs air; Dh’ fhàs e reamhar ri ùine, ’S iomadh ùillidh a thràigh e. Tha e feumach a sgùradh, Ghabhadh ioghnadh a chlàraibh; Na ’m biodh baslach na bhùrn air Dhianainn aotrom a stàireachd, Ach fhàgail geal. C’uim a dh’ innseas mi ’n còrr dhuibh, Ged as leòr e na dh’ fhàg mi; ’S dòcha dhuibhse gur spòrs e, Ach dhòmhsa gur bàs e. ’Se bhi so gun neach còmhl’ rium Dhùisgeas còmhradh na gàire, ’S ged a sheinninn ann òran A ni sòlas, na radh rium: Gur luainach math. Ach ni mi goireasan fhaotainn, Cha bhi ùine na dàil ann; Gheibh mi cathraichean ’s uirneis, ’S anns gach aon diu bi sgàthan. Ni mi ’n dubhan a bhiathadh, ’S theid mi dh’ iasgach a maireach, ’S ma gheibh mi na ’s miann leam Theid mi dh’ iarraidh an fhàine; ’S gu ’n gearr mi ’n t-slat. ’S bheirinn comhairle daonnan Air gach aon tha mar tha mi: Fhad ’s bhios òig’ air an giùlan, Caileag chaomh fhaighinn làmh riu. ’Nuair thig feasgar an ùine, ’S nach bi luth anns a ghairdean; Gu ’m bi planntaichean maoth ann, Bheir le cùram a lamh dhaibh Gu ’n tarr iad as. S. N. MAC FHIONGHAIN. Moosomin, N. W. T. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 177] [Vol. 7. No. 23. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 30, 1898. No. 23. MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN. Thug MAC-TALLA iomradh air bàs na ban-bhàird so ann an àireamh no dha air ais. Tha iomadh neach duilich air son an sgeul. Rugadh Màiri Nic-a-Phearsain, tha sinn am barail, anns a bhliadhna 1820. Bha i aig àm a bàis dluth air a cheithir fichead. Bu nighean i do Iain Domhnullach, “Iain Ban Mac Aonghais Oig,” duine gasda aig an robh gabhail fhearainn ann a Sgeabost, an sgire Shnithesoirt, (Snizort) anns an Eilean Sgiathanach. Bha a màthair a mhuinntir Uige, anns an eilean cheudna, “Fionnghal Nighean Neill,” nighean do Niall Mac Aonghais, duine air an robh deagh bhiuthas na latha fein. Fhuair Màiri a breith ’s a h-arach ann an Sgeabost. Dh’ fhas i suas na h-ighinn mhaisich agus na h-ighinn chliuitich. Anns a bhliadhna 1848, phòs i fear Isaac Mac-a-Phearsain, greusaiche, a mhuinntir Inbhirnis. Ach ’s ann a mhuinntir an Eilean Sgiathanach a bha athair ’s a mhàthair. Chuir i bliadhnachan sona seachad an Inbhirnis le ’companach caoimhneil, agus leanaban tlachdmhor a fas suas ri glùn. Ach, mo thruaighe! tha gach sonas ’san t-saoghal neo-chinnteach agus neo-mhaireannach. Anns a bhliadhna 1871, bha i air a fagail na bantraich gun chul taic, agus ceathrar dhilleachdan air a cùram. Cha deanadh gul is caoidh feum. B’ fheudar cruadhachadh ris. Dh’ fhag i Inbhernis agus chaidh i do Ghlasacho. Chaidh i an sin do ’n tigh-eiridinn, a dh’ ionnsachadh a bhi na banaltrum. Fhuair i air adhart gu math, agus an ceann uine nach robh fada thainig i mach làn ionnsaichte le coir sgriobhte, no barantas gu ’n robh i foghluimte mar bhean-eiridnidh agus mar bhean-ghluine. Bha i nise ann an suidheachadh anns an robh i comasach air i fein agus a teaghlach a chumail suas ann an doigh mhaith. Dh’ fhan i an Glascho, no eadar sin ’us Grianaig, gus na dh’ fhas a teaghlach suas agus an deach iad air tigheadas dhaibh fhein. Ach fad na h-uine bha h-inntinn a dol air ais do dh’ Eilean a Cheo. ’S ann mu ’n àm sin a thuirt i:— Ged tha mo cheann air liathadh Le deuchainnean is bron, Is grian mo leth-cheud bliadhna A’ dol sios fo neoil; Tha m’ aigne air an lionadh Le iarrtus ro mhor, Gum faicinn Eilean Sgiathach Nan siantanan ’s a Cheò. Leis an iarrtus sin ga brosnachadh thog i oirre anns a bhliadhna 1882, a fagail Ghlascho, ’s a cur a h-aghaidh air tir nam beann, ann a rùn gu ’n cuireadh i a chuid a bha air thoiseach oirre de ’latha seachad ann an tir a breith ’s a h-araich. ’S ann mar sin a bha; ghabh i ’n t-aiseag air a bhàta smùid, ’s i seinn:— Is uallach mi ’cur cùl ri m’ aineol, Fagail Chluaidh gu tir nam beannaibh; Ged a tha mo cheann air liathadh, ’S aois a’ gealachadh mo chiabhag, Nuair nochd mi ri Eilean Diarmaid Dh’ fhalbh na striachan as mo mhala. ’S ged a bha mo chridhe leointe, Snidhe bho mo shuil a dortadh, Faicinn Ratharsair gun Leodach, Rinn mi sòlas ri Dun-canna. &c. Nochd fear-Sgeaboist mor chaoimhneas dith. ’Nuair ’thainig i air ais do ’n Eilean Sgiathanach thug e tigh saor dhith gu bhi aice dhith fhein fhad ’s bu bheò i. Tha moran de spiorad nan sean uachdaran Ghaidhealach ann a Lachluinn Domhnullach, fear-Sgeaboist. Bha toil aige bard no ban-bhard a bhi aige mar aig na h-uachdarain o shean. Cha ’n e mhain sin, ach mhisnich e i gu a cuid bardachd fhaotainn air a sgriobhadh sios, agus gu ’n seasadh esan cosdais an cur an clò, ni a rinn e gu h-uasal. Sgriobh an Gaidheal ceanalta, Iain Mac Ille-bhàin, an Inbhernis, sios dhith facal air an fhacal mar a thug i dha gach sreath ’us rann, gus an robh leabhar deanta anns an a bheil corr ’us tri cheud taobh duilleag de bhardachd ghlain, gun aon fhacal o cheann gu ceann deth a dhuisgeas smaoin thruaillidh ’an cridhe an fhir-leughaidh. Bha Màiri Nic-a-Phearsain na boireannach aig an robh buadhan inntinn anabarrach geur agus beothail. Bha aignidhean laidir air a siubhal a bha furasd’ a ghluasad gu bròn no gu aoibhneas, agus tha sin gu soilleir ri fhaicinn na ’bardachd. Bha i mar an ceudna comascch air a corruich a nochdadh an aghaidh luchd-ainneirt ann am briathran geur, sgaiteach, a bhiodh searbh gu leor ri ’n eisdeachd. Bha i lan chomasach air iad fein innse do dhroch uachdarain agus do dhroch bhaillidhean na dùthcha. Ach cha do chuir i ’chuid so dheth cuid bardachd ann an clò. Bha cuimhne anabarrach math aice. Bha i comharrcichte ’thaobh so. Bha taghadh na Gailig aice agus Beurla chluaise mhath gu leor, ach cha robh aice ach fior bheagan foghlum. Coltach ri Donnachadh Bàn, bha i neo-chomasach air a cuid oran fein a sgriobhadh sios. Ach bha iad aice air a meadhair gun mhearachd facail. Cha ’n e sin a mhain, ach, co-dhiu, a leth uiread eile ’s a chaidh a sgriobhadh dhe cuid bardachd fein, agus a bhar air sin moran de bhardachd muinntir eile nach deach riamh an clò. Bha ’bhana-bhard na boireannach toinisgeil. Chuir mi latha seachad na tigh seasgair—bothan taobh na coille—ann a samhradh na bliadhna 1888. Bha comhradh againn mo thimchioll iomadh ni, timeil agus spioradail, agus fhuair mi gu ’n robh eolas agus breithneachadh domhain aice. Bha e na ni taitneach suidhe sios ag eisdeachd rithe mar bha i a cur faireachduinn agus gluasadan neo-fhaicsinneach a h-inntinn ann am briathran snasmhor, cuimseach, na h-uile facal co freagarrach air a chur na àite fein. Beagan uine an deigh dhomh tilleadh dhachaidh fhuair mi litir ghasda uaipe air a sgriobhadh ann an Gailig. So earrann de ’n litir sin:—“A charaide,—Tha mi toilichte gun do rainig thu slàn, agus gun d’ fhuair thu do theaghlach agus do choimhthional mar bu mhath leat; agus gun robh beò fhathast dhe mo chairdean na thigeadh miltean a choimhead an fhraoich agus na moine a chuir mi leat.” &c. Cha robh neach beò air an talamh bu dilse agus bu bhlath-chridheiche do chlann nan Gaidheal na Màiri Nighean Iain Bhain. Bha daimh shonruichte aice ri muinntir an eilean anns an d’ rugadh i, ach labhradh neach Gaidhlig rithe agus bu choma co as a bha e, bha e faotainn aite blath an cridhe Màiri. Bha moran de uaislean na Gaidhealtachd eolach oirre agus gle mhath dhith. Bha i eolach anns gach aite air eileanan agus garbh-chriochan na h-Alba, agus bha gach dachaidh fosgailte dhith. Ach thriall i “do thalla nam bard nach beò.” Tha baird Ghaidhealach an linn so a nis ach beag uile air triall a null. Dh’ fhalbh Màiri Nic Ealair, Eoghan Mac Colla, agus a nise Màiri Nic-a-Phearsain. Tha Niall Mac Leoid againn fathast. Gu ma fada gu ’n cluinnear a bhàs. Bidh sinn a criochnachadh a chunntais aithghearr agus neo-choimhlionta so air a bhana-bhaird nach maireann, le bhi cur sios an rann leis na chriochnaich i aon de na dain a dh’ fhag i sgriobhte:— “Beannachd leibh, a chairdean Anns gach cearn tha fo na neoil, Gach mac is nighean màthar A Eilean àrd a’ Cheò; Is cuimhnichidh sibh Màiri ’N uair bhios i cnamh fo ’n fhod— ’S e na dh’ fhuiling mi de thàmailt A thug mo bhàrdachd beò.” C. C. Strathalba, E. P. I., Des. 23, ’98. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. VII. AIR MO CHUIREADH GU BANAIS. Cha robh mi fad ag obair anns a’ bhuthaidh an uair a chuir mi eòlas air an àireamh bu mhò dhe na daoine a bha ’g obair comhladh rium. Bha fear no dithis dhiubh gu h-àraidh a bha anabarrach caoimhneil rium. An uair a bha mi air ùr-thòiseachadh bha iad gu tric ag innseadh dhomh mar bu chòir dhomh cuid dhe ’n obair a dheanamh. Agus b’ iomadh uair a thug iad lamh-chuideachaidh dhomh. Bha so anabarrach mòr agam; oir dh’ fhaodainn a radh gu ’n robh mi ’nam choigreach anns an tìr choimhich. Bha sinn a’ tòiseachadh ri obair aig ochd uairean ’s a’ mhadainn, agus a’ sgur aig seachd uairean feasgar. Ach a h-uile Di-sathairne bha ’bhùth air a dùnadh aig còig uairean feasgar. Mar bu trice bha mi ’dol sgrìob an sid ’s an so air feadh a’ bhaile nam biodh sìde thioram ann. Agus bu mhinic a thachair mi fhein agus mo cho-luchd-oibre ri chéile air an t-sràid, agus a ghabh sinn cuairt am mach gu iomall a’ bhaile. Mar so dhùisg dlùth-chàirdeas suas eadar mi-fhin agus an dithis a dh’ ainmich mi. Am feasgar Di-sathairne nach rachainn cuairt comhladh riutha am mach as a’ bhaile, bu tric leam an ùine a chur seachad ann an taigh mo dheadh charaid, Domhull Dughallach, far am faighinn faillte chridheil agus aoidheachd uair sam bith a ruiginn. Mu ’n àm ’s an robh mi bliadhna ann an Glasacho, fhuair mi cuireadh o fhear dhe mo dhlùth-chompanaich gus a dhol gu banais peathar dha a bha ’dol a phosadh seòladair. Mu ’n do ghabh mi an cuireadh chuir mi mo chomhairle ri Domhull Dughallach. Ghrad chomhairlich e dhomh a dhol thun na bainnse; agus thuirt e gu ’m b’ fheairrde mi a bhith ’dol an dràsta ’s a rithist am measg cuideachd. Ars’ esan rium, “Is coir do na h-uile fear a dhol uair no uaireiginn do chuideachd anns am bi daoine òga mar a bhios e fhein; ar neo mur teid, cha ’n aithne dha e fhein a ghluasad mar is còir dha am measg cuideachd. Is ainneamh cuideachd anns nach fhaicear [TD 178] [Vol. 7. No. 23. p. 2] nithean nach ’eil taitneach; ach air a shon sin, faodaidh a h-uile duine glic an aire a thoirt dha fhein. Feumaidh tu ni eiginn a thoirt do bhean na bainnse mar ghean math. Tha e ’na chleachdadh againn anns a’ Ghalldachd. Thoir meatagan matha dhi. Cuir g’a h-ionnsuidh iad latha no dhà mu ’n tig latha ’phòsaidh. Ghabh mi comhairle mo charaid, agus dh’ aontaich mi a dhol thun na bainnse. Gun dàil sam bith an uair a fhuair mi am mach o a bràthair meudachd nam meatagan a fhreagradh dhi cheannaich mi iad, agus chuir mi uice iad. Oidhche na bainnse chuir mi mi-fhin ann an òrdugh cho math ’s a b’ aithne dhomh, agus dh’ fhalbh mi comhladh ri dithis no triùir eile dhe na gillean-bùthadh a fhuair cuireadh mar a fhuair mi-fhin. An uair a ràinig sinn taigh na bainnse bha ’m pòsadh dìreach seachad, agus bha ’mhuinntir a fhuair cuireadh a’ teannadh ri suidhe aig bòrd na bainnse. Ged nach robh mòran aig a’ bhanais, b’ eiginn a’ chuideachd a roinn, agus air eagal oilbheum a thoirt do na daoine a b’ aineolaiche air muinntir an teaghlaich, chuireadh càirdean fir na bainnse agus beagan eile ’nan suidhe gu biadh anns an t-seòmar anns an robh sgiobadh na bainnse gu bhith ’nan suidhe; agus chuireadh a’ chuid eile dhe na bha làthair ’nan suidhe aig biadh ann an seòmar eile. Bha mise air aon dhe ’n fheadhainn a fhuair a dh’ urram suidhe aig an aon bhòrd ri sgiobadh na bainnse. Chuireadh ’nam shuidhe mi mu ’n coinneamh aig taobh eile a’ bhùird. Bha fear is bean na bainnse glé dhreachar gu nàdarra, agus an oidhche ud anns na deadh thrusgain a bha umpa le chéile, bha iad air dhithis cho tlachdmhor ’s a b’ urrainn duine fhaicinn ach ainneamh. Ach feumaidh mi gu saor ’aideachadh nach b’ ann orra a bha m’ aire-sa fad na h-oidhche ud, agus fad iomadh latha ’s oidhche na dhéigh sid, ach air a’ mhaighdinn-phòsaidh—piuthar bean na bainnse—boirionnach òg cho ciùin coltas, agus cho maiseach anns gach doigh ’s a chunnaic mi riamh. Bha i mu sheachd bliadhna deug—dìreach an aon aois rium fhein. Anns an t-suidhe dhomh aig a’ bhord sheall mi oirre, agus thuit mi ann an trom ghaol oirre anns a’ mhionaid. B’ e an ath rud air an do leag mi mo shuil, mios phithean a bha dìreach air mo bheulaobh, agus ged a bha mi ann an dòigh toilichte gu ’n robh mi mu choinneamh na maighdinn mhaisich a bh’ aig taobh eile a’ bhùird, b’ fhearr leam gu mòr a bhith ’nam shuidhe ann an àite eile; oir thuig mi gur ann orm a thigeadh am pithean a chur as a chéile. Cha ’n fhaca mise pithean riamh roimhe ach aon uair eile ann an taigh mo charaid, Domhull Dughallach, agus gu fortanach ghabh mi beachd air mar a bha Domhull ’ga chur as a chéile. Dh’ fhairich mi m’ aodann a’ fàs blàth an uair a chunnaic mi an obair a bh’ agam ri dheanamh; thachair so dhomh gu h-àraidh an uair a thug mi an aire gu ’n robh an nighean òg agus a chuideachd gu léir a’ sìor amharc orm. Chaidh mi ’n dàil a’ phithein gu duineil, agus chuir mi as a chéile e mar nach b’ olc. Mur b’e gu ’n do ghabh mi beachd sònraichte air mar a chuir mo charaid, Domhull Dughallach, am pithean as a chéile, bha mi air a bhith fodha dheth aig an àm. Tha e ’na ghnothach car tàmailteach do dhuine a ràdh nach aithne dha am biadh a chuirear air a bheulaobh air a’ bhòrd a roinn ’s a riarachadh mar bu chòir. Mar a tha ’m facal ag ràdh, “Is dall gach aineolach.” Bidh a h-uile fear aineolach mur gabh e beachd le cùram air gach ni a chi ’s a chluinneas e. Tha mòran ann a tha ’dol troimh ’n t-saoghal mar gu ’m biodh iad dall, bodhar. Ged a thug an Cruithfhear sùilean is cluasan dhaibh, cha ’n ’eil iad a’ deanamh mòran feuma leotha. Ma ghabhas sinn beachd air, chi sinn gu soilleir gu ’m bheil a h-uile fear a tha ’faotainn air aghart anns an t-saoghal a’ deanamh feum math dhe shùilean ’s dhe ’chluasan. B’ ann an oidhche ud aig a’ bhanais a thuig mise an toiseach cho feumail ’s a bhiodh e dhomh beachd a ghabhail le mòr chùram air gach ni a chithinn daoine bu ghlice agus a b’ fhiosraiche na mi-fhin a’ deanamh. Riamh o ’n uair ud chuir mi romham gu ’n cumainn mo shùilean agus mo chluasan gu math fosgailte, ge b’e air bith àite anns an tachradh dhomh a bhith. Bha na bha mu ’n bhòrd comhladh rium a’ smaointean, an uair a chunnaic iad cho sgiobalta ’s a rinn mi mo ghnothach, gu ’n robh mi na b’ eòlaiche air cuideachd nan uaislean na bha mi. Cha do leig mise dad orm; agus cha mhò a chuir mi dad as am barail iad. Nan do chuir iad a’ cheisd orm, is dòcha gu ’n d’ innis mi dhaibh an suidheachadh anns an robh m’ athair ’s mo mhàthair; ach bha iad na bu mhodhaile ’s na b’ iomchuidhe na gu ’n teannadh iad ri mo cheasnachadh. Cha robh iad farraideach idir; agus ged a bhitheadh, cha ’n ’eil mi ag ràdh gu ’n leiginn m’ inntinn agus mo chor ris dhaibh. Bu bheag orm riamh na daoine farraideach. Is iomadh uair a thachair iad rium. Agus gu cinnteach is mi a bha sgìth dhiubh a h-uile uair a thachair iad rium. Cha rachadh dùnadh air am beoil ach a’ cur cheisdean orm. Thachair boirionnach còir rium aon uair, agus o’n a chuala mi iomradh gu ’n robh i anabarrach farraideach chuir mi romham gu ’n cumainn cunntas air a h-uile ceisd a chuireadh i orm. Tha mi deimhin gu ’n do chuir i pailt leith cheud ceisd orm ann an uair gu leith an uaireadair. Mu dheireadh dh’ fhàs mi cho sgìth dhith ’s a bha ’n gobha dhe ’mhàthair an uair a thiodhlaic e seachd uairean i. Chuir mi romham an latha ud nach bithinn fhein farraideach gu bràth. Tha e iomchuidh gu leòr dhuinn nithean fheòrach de dhaoine eile; oir mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh, “Cha ’n fhiosrach mur a faighneachd.” Ach tha dealachadh mòr eadar a bhith ’cur cheisdean modhail, iomchuidh air daoine, agus a bhith ’faighneachd ceud rud dhiubh ris nach ’eil gnothach sam bith aca. Tha cuimhne mhath agam air iomadh naigheachd a chluinntinn mu ghille òg, tapaidh aig an robh freagairt gle dheas do na h-uile duine farraideach a thachradh ris. Bha e latha àraidh a’ falbh troimh ’n bhaile agus bascaid air a ghàirdean. Thachair aon de dh’ uaislean na dùthchadh ris, agus thuirt e, “Ciod e th’ agad anns a’ bhascaid, a laochain?” “Cha bu duine uasal a dh’ fhaighneachdadh, agus cha bu duine mi-mhodhail a gheibheadh fios,” ars’ an giullan. Bha ’cheart ghille òg so latha eile a’ falbh air cheann turuis air astar fada, agus thachair bodach mosach farraideach ris, agus thuirt e, “Co leis thu, ’laochain?” “Tha mi le m’ athair.” “Co as a thàinig tu?” “Tha sin as mo dhéigh.” “C’ àite ’ruigeas tu?” “Tha sin romham.” “An tug gnothach sam bith o ’n taigh thu?” “Cha tug, ach thug mo chasan o ’n taigh mi.” “Cha ’n ’eil thu modhail, a laochain.” “Saoilidh am fear a bhios gun mhodh gur e am modh am mi-mhodh.” Cha robh an corr eatorra. Nam faigheadh na daoine farraideach freagairtean dhe ’n t-seòrsa so, dheanadh iad beagan air an socair. Ach bidh daoine coma freagairtean mi-mhodhail a thoirt air daoine mi-mhodhail. Mar a tha Solamh ag ràdh, “Na freagair amadan a réir amaideachd air eagal gu ’m bi thu coltach ris.” (Ri leantuinn.) DENNIS COSTELLO. O chionn beagan bhliadhnachan, bha muinntir taobh na h-àird’ an iar do dh’ Eirinn air bàinidh gu dol thairis do dh’ America. Bha daoine sanntach, seòlta, cealgach, a’ siubhal na dùthcha, a’ toirt cunntas aimideach air tarbhachd agus soirbheas na dùthcha sin—mar nach robh aig daoine bochd ach an cas a chuir air tìr taobh eile a’ chuain, ’s nach biodh saothair, no cruaidh-chas, no deuchainn air bith r’ an cionneachadh—mar gum biodh òr a’ fàs air gach craoibh, agus mil ’us bainne a’ sruthadh o gach creig. Chreid na h-Eirionnaich bhochda gach ni ’chual iad; ’s cha robh ach na h-uile fear tilgeadh dheth a chuid fearainn a’ reic na bh’ aige air aghaidh an t-saoghail, ’s a’ togail air gu tràigh; agus b’e ’cheud fhear a gheibheadh a chas air clàr na luinge a’ chulaidh-fharmaid bu mhò. Bha iadsan a bha ’gam breugadh ’s ’gam mealladh air falbh, gu suarach ciod a dh’éireadh dhoibh, nam faigheadh iad am faradh. Am measg nam feadhnach a bha togarach air falbh, a’s oighreachd fharsuing fhaotainn anns “a’ choille nach teirig gu bràth,” bha Dennis Costello. ’Nis, bha Dennis na dhuine measail cothromach ’na dhùthaich féin. Bha baile beag fearainn aige, mu thomhas ochd-acair-dheug, airson màl ìosal, a thainig a nuas o athair gu mac o lìnntean fad as. Bhiodh dà no tri aighean, bò reamhar, ’us fichead no dà-fhichead caor’ aig Dennis an dràsda ’sa rìsd aig féill; agus cha do shuidh e riamh gu lòn bìthidh bu mhiosa na sliseag do mhuiceil co math ’sa chaidh riamh air mèise—càl-ceirsleach co aillidh ’sa thogadh ’an gàradh—buntàta co fhiamh-ghaireach thioram ’sa thogadh riamh á coire—sliseag chàise ’us beagan ìme, a rinneadh ’na thigh féín—agus air uairibh cuach do leann co taitneach ’sa chaidh am beul sagairt, agus có bu déidheil air Dennis na’n sagairt? Cha robh maduinn Sàbaid nach do ghabh e ’lòn maduinn maille ris, oir bha’n tigh-aoraidh dlùth do’n àite ’san robh Dennis a’ tàmh. Bha Dennis mar an ceudna na fhear-cèaird teòma—na shaor chairtean ’us chrann, a’s uiread aige ri dheanamh ’sa bha ’na chomas a ghabhail os-làimh. Bha e, mar so, na dhuine co cothromach, neo-eisimealach, ’na dhòigh féin, ’sa bha ’san tìr. An uair a bha Dennis ochd-bliadhna-deug a dh’ aois, phòs e àilleag an àite, nighean coimhearsnaich—Anna O’Néil ’s cha robh a samhladh n’a coimeas taobh na h-àird’ an iar do dh’ Eirinn uile. Bha pailteas aig Dennis, ’s bha e suarach mu thochar. Cha robh a dhìth air ach làmh gheal agus cridhe blàth Anna O’Néil; ach cha’n fhonadh so le ’athair. Cha robh feasgar fad shèa seachduinnean nach do choinnich an seann duine agus athair na maighdean, a shocrachadh gach cùis. ’S iomad cuach leanna ’dh’òl na seòid mu’n robh an còrdadh seachad, agus na h-uile mi air a réiteachadh. Ma dheireadh bha gach cùis air an socrachadh; agus thug seann O’Néil cóig buinn fhichead òir, latha na bainnse, maille ri crann iaruinn ’us cliath chliata, mar thochar do ’n chaileig luraich. Bu ghrianach aighearach maduinn latha na bainnse ann am Baile-na-mòine, far an robh Dennis a’ tàmh. Chuir e suas a dheise ùr bhainnse—cosag do dh’ aodach gorm co finealta ’sa thainig riamh á Sasunn—putanan bhuidhe òir-dhearg a’ dearsadh ri gathan na gréine—’s gach nì o mhullach a chinn gu bonn a chas ùr, nodha eireachdail; agus cha deach bean-bainnse a b’ àillidh, bu mhodhail bu mhàlda, bu bhanail, na Anna O’Néil riamh an làthair sagairt. Chruinnich [TD 179] [Vol. 7. No. 23. p. 3] mòran—òigridh an àite—fleasgaich ’us gruagaichean; ’s mar robh fearas-cuideachd ’us cridhealas, càirdeas ’us sùgradh, ann am Baile-na-mòine air an latha sin, is iongantach leamsa. Cha ’n e ’mhàin gu’n robh bean-na-bainnse àillidh, boidheach, lurach ri fhaicinn; ach bha i glic, cialach, deanadail, grunndail. Bha i nis ochd bliadhna ’na bean phòsda; ’s bha aice ceathrar phàisdean co fallain, lùghmhor, mhireagach, ’sa sheas riamh air fòid ghuirm na h-Eirinn. Mar b’i Anna ’na h-òige a’ chaileag bu bhòidhche ’san tìr, b’i nis a’ bhean phòsda bu chiallaiche agus bu ghléidhteiche bh’ ann. ’Nuair a bhiodh mnathan pòsd’ eile ’nan suain sa’ mhaduinn, chìte bean Dhennis a mach a’ glanadh a soithichean bainne—a’ réiteachadh an tighe—a’ ceartachadh gach nì; ’s cha robh tigh no àite de ’n t-seòrsa ’san sgìreachd bu ghlainne, ’sa b’ fhearr a bh’ air a réiteachadh, na aitribh ’us àite Dhennis Chostello. Chìte i aig a cuibhle, ’s snìomh anairt do na pàisdean; ’s cha robh bad a chaidh air an druim ’nan òige nach i féin a rinn, ’sa chum, ’sa ghearr, ’sa dh’ fhuigheal e. Air uairibh, chìte i suidhe air an reilean dlùth do ’n àite am biodh Dennis ri obair, ’s na pàisdean beaga mireag mu’n cuairt di; airneo buaichailleachd na Driommain duibh air ceann iomaire, ’s ma dh’ fheudta leanabh beag aice air a’ chìch. Mar so chaidh laithean ’us bliadhnachan seachad, a’s có bu shona na Dennis Costello agus Anna O’Néil? Esan o mhoch gu anmoch ri saothair an fhearainn, a’ feadarachd gu sunndach aotram “Gille nan Cuaran” no “Paddie O’Rafardie;” ise a’ bleodhan nam bò, a’ crònan an òrain, “Ho ro, ho ro, an Driomman dhubh éile,” airneo a’ tàladh a naoidhean leo, a’s iad a’ cuir seachad beagan o àm gu h-àm, cùl an làimh, airson an teaghlaich. Mu’n àm so, thòisich daoine a bhi air am breith-as le America, Australia, agus aitean eile fad as—gu h-àraidh America. Bha duine seòlta ’san àite sin a bha faradh soithichean, ’s a’ cur luchd an deigh luchd do dhaoine thairis; agus smuainich e nam faigheadh e ’thòirt air Dennis dealachadh ris na bh’ aige, a’s dol a null, gu ’n éireadh an dùthaith uile, agus gu ’n leanadh iad neach a bha co measail. Cha robh latha nach robh an duine so a’ coinneachadh Dhennis—leigeil ris da littrichean, ma’s fìor, a fhuair e nall o ’luchd-eòlais, agus a’ cuir ’na cheann, an àite ochd acraichean-deug fearainn a bhi aige, gum biodh dùthaich aige taobh eile a’ chuain mhòir. Chòmhlaicheadh an duine seòlta so e air gach féill, a’s anns gach àite a b’ urrainn da. Ma dheireadh smuainich Dennis ma dh’ fheudta gu’n robh an fhìrinn aige. “A’ bheil mi an so,” ars’ esan, “ach na m’ thràill?—a’ saothrachadh, mi féin agus mo bhean, air crioman beag fearainn is gann a chumas làn ar beòil rinn,” Chaill e a thlachd de ’n àite anns an d’ rugadh ’s na thogadh e féin agus na daoine o’n d’thainig e. Bha sannt ’us ciocras fearainn an deigh làn ghreim a dheanamh air ’anam, ’s cha ’n fhònadh leis ach miltean a bhi age, an àite nan ochd-acair-dheug. Chuir e roimhe dol thairis; ach bha eagal air so innse d’a mhnaoith—cheil e oirre na bha ’na bheachd. Chunnaic i gu math gu ’n robh ni-eigin a’ cuir air—ni-eigin a bha dùsgadh imcheist a’s cùram. Bha e dol air ais gu mòr ’na choslas, ’s bha e trom brònach ’na spiorad. Bha anabarr gràidh aig Dennis air a mhnaoith ’s air a pàisdean—cha robh cridhe na bu bhlàithe ann an Eirinn uile, agus b’e a ghràdh d’a theaghlach a dh’ fhàg e co iarrtach déigheil air barrachd fearainn, ’s air barrachd soibhreas na bh’ aige. Chuir e roimhe dol a null e féin, ’sa’ cheud dol a mach a dh’ amharc an àite, ’s a theaghlach fhàgail na dheigh gus am pilleadh e, ach bha ’chridhe làn mulaid dealachadh riu. Dh’fhàs e leisg, trom, lunndach, gun spiorad—a chadal ’san oidh-bruaidleanach, briste. Rinn e dearmad air a chuid fearainn—bha na fodhannan, ’sa’ chopacach, ’s an sgiolan a’ fàs gu dosrach, ’sa’ falach an eòrna. Bha ’n tubhadh air falbh bhàrr nan tighean leis a ghaoith, ’s am boinne-snidhe tighinn a stigh do’n t-seòmar a b’àbhaist a bhi co tioram sheasgair. Bha ’bhean, mo thruaighe! deanamh a dìchioll. Fhad ’sa b’ urrainn d ’ise an tighe chumail fo dhreach, agus na h-uile ni ’dheanamh taitneach dha, cha robh dìth no dearas; ach cha robh i sona. Oidhche de na h-oidhchean, chuir e roimh gach ni ’innse d’a mhnàoith—a chridhe fhosgladh dhi, ’s gach cùis a chuir m’a coinneamh. Dh’fheuch e so a dheanamh uair a’s uair, ach chaidh e na aghaidh—thainig reachd ’na mhuineal. Ma dheireadh thòisich e:— “Anna, a ghràidh, a chuisle mo chridhe! tha mi sgìth de’n àite so; cha ’n eil farsuinneachd ann.” “Cha’n eil, a rùn,” ars’ ise, “ach taing dhasan o’m bheil e againn, gu’n robh fhathast pailteas, ’us seasgarachd ’us sìth, us slàinte againn ann; a’s ciod tuille bu chòir do dhaoine iarraidh?—ni’s leòir dhuinn féin, agus beagan r’a sheachnadh.” “Tha sin fìor,” ars’ esan, “ach nach fhaic thusa, a chuisle, gu bheil mise an so a nis o na rugadh mi—far an robh m’ athair ’s mo sheanair a’ saothrachadh le falus ar gruaidh—’s cha ’n eil sinn fathast leth co beartach ri Nick Delany, ’chaidh thairis gun bhonn ’na phòca do dh’ America o chionn leth-dusan bliadhna.” “Ach, a chuisle ’sa ghràidh, mo Dhennis donn féin,” ars’ ise, “na creid thusa na chluinneas tu. Ma tha òir a’s airgiod ann am pailteas co mòr thall ann an America, cha mhòr tha d’a choslas orrasan tha tighinn air an ais.” “Nach coma có tha tighinn air an ais?” deir Dennis. “Nach ’eil màl a nis ag éiridh co àrd—na tighearna a’ fàs co bochd, sanntach, seach mar bha iad? Cha’n eil e nar comas am màl a dhìoladh, no sgillinn a chuir mu seach airson ar teaghlaich.” “A chéile mo ghaoil,” ars’ Anna, a’s i tiormachadh a sùil, “nach ’eil beartas gu leòir againn?” Tharruing i dlùth air; shuidh i air suidheachan comhlaich r’a thaobh; ghlac i a làmh; dh’ amharc i gu caomh gaolach ’na aodann. “Tha sinn òg, làidir,” deir i, “agus nach fhaic thu Tim òg, m’eudail geal,” a’s i ’cur a làimh air ceann a mic—“nach fhaic thu Tim, cha’n fhada gus an cuidich e linn, mo lurachan caomh!” “Deich mìle beannachd air a cheann,” arsa Dennis, “agus deich mile beannachd o Dhia ort, mo ghràdh geal òg! Nach ann air an son féin tha mise togairt thairis, chum am barrachd a sholar air an son?” Bha mòran aig Anna ri ràdh, ach cha robh e ’na comas. Chunnaic i gu ’n robh buaireas air a companach. Dh’ fhàg i e car tamuill, a’s chaidh i steach do sheòmar beag leatha féin, far na ghuil i gu fad agus gu goirt. Bha iomad seanachas eatorra na dheigh so; ach chunnaic Anna nach robh math dhi ’bhi labhairt. Thainig an t-àm seòlaidh—thainig long mhòr nan trì chrann, ’s bha’n dùthaich uile fo ghluasad. Bha iadsan a bha ri falbh a’ cur gach ni air bòrd; bha uidheamachadh mòr ’ga dheanamh leis gach aon. Thog Dennis Costello na bh’aig do dh’ airgiod ullamh; reic e na b’ urrainn da; a’s chuir e roimhe Anna ’s na pàisdean fhàgail, a’s cùram an àite earbsa riu fhad ’s bhiodh e air falbh. Cha chluinnte diog a mach á beul na mnatha ciùin. Bha i a’ cuir gach goireas suas ann an ciste airson a fir—a’ trusadh a chuid anairt a’s aodaich, ’s na deòir a’ tuiteam gu silteach thairis orra. Bha Dennis bochd a nis trom-chridheach da rìreadh; ach bha e seasmhach, ’s cha robh stà bhi ’cur na aghaidh. Thainig mòran de ’chàirdean a ghabhail an cead dheth an oidhche mu’n robh e ri falbh, a’s thug Anna biadh ’us deoch dhoibh, a reir cleachdadh na dùthcha. Bha mairt-fheoil shaillte, ’us muiceil, ’us càl-cearslach, ’us geòidh, ’us cearcan, a nis deas aice, ged a b’ ann le cridhe trom a dheasaich i iad. Ach cha bhiodh i an deireadh air càch, chionn gum b’e so cleachdadh na dùthcha. Bha ’n sagairt aig ceann uachdarach a’ bhùird. Bha chuideachd cridheil, aighearach; ach Dennis truagh, bha ’chridhe an impis sgàineadh, a’s pàisd aig air gach glùn. Bha Anna frithealadh do ’n bhòrd, ’s a’ deanamh dleasnais ’us onoir an tighe mar a b’fhearr a b’ urrainn d’i. Dhealaich a’ chuideachd; dh’fhalbh iad uile, an deigh iomad fàsgadh càirdeil a thoirt do làimh Dhennis. Phòg an sagairt e, a’s dh’fhàg e aig a bheannachd dùrachdach. Bha ’n dorus a nis air a dhùnadh; agus charraich Dennis a chiste gu cùl an doruis, gun fhios d’a mhnaoith, mar a shaoil leis, chum a giùlan air falbh ’sa’ mhaduinn gun fhios d’i. Cha do chaidil e lochd. Dh’fheuch e éiridh gun ise a dhùsgadh. Bha i ann an suain shàmhach, ’s a naoidhean ’na h-uchd. Bha dithis eile ann an leaba bhig dlùth dha, taobh ri taobh—gu h-ait, neo-chiontach, ciùin, sàmhach—làmh bheag gheal an dara h-aon air uachdar an aodaich, thairis air an aon eile. Bha cridhe Dhennis mar gu’n sgàineadh e. Bha tuainealach ’na cheann; ach coma, chuir e roimhe éiridh gun fhios, a’s falbh. Fhuair e mach as an leaba gu ’n fhios d’i. Chuir e air a chuid aodaich. Thainig e nall air ais, gus an sealladh ma dheireadh a ghabhail dh’ ise, agus de’n naoidhean a bha ’na shuain ’na broilleach. Sheas e ag amharc orra; ach ghrad dhùisg ise. Rinn i greim bàis air a phàisdean, ’s le spàirn mhòr labhair i:— “Eisd mi,” deir ise, “an uair a labhair thu mu dhol thairis air imrich air tùs, cha do chuir mi, a’d’ aghaidh—bha fios agam nach robh math dhomh facal a labhairt; ach na smuainich thusa gu’n dealaich mi ri athar mo phàisdean, Dennis Costello, mo chéile, a’s mo cheud ghràdh. Cha dealach. Thusa nach do labhair diog riamh rium ach briathran gràdh, an dealaich thu riumsa?—an dealaich thu ri d’ phàisdean, airson beagan tuille òir a’s airgiod? Falbh, falbh—imich a nios; oir ma is beò mi, agus Esan a rinn mi, tha mi bòideachadh nach dealaich ni eile mi uatsa ach am bàs. Seadh, éisd rium. An do dhi-chuimhnich thu a’ bhòid a thug thu an làthair Dhia agus dhaoine, mo dhìon, mo sheasamh, mo ghradhachadh! Am fàg thu mi? Fàg na pàisdean,—tilg iad air saoghal truagh, air coigrich gun iochd; ach Anna O’Néil, ’se am bàs amhàin a sgaras ise uait.” “Anna O’Néil,” arsa Dennis, “éisd rium. ’Ne gu ’n tréiginn thu? Na tig an t-aon latha an tog mi mo làmh, ma dh’ fhàgas mi thusa mo na pàisdean. Ged a robh òr ann an America mar sligean air an tràigh bhàin, cha’n fhàg mi thu. Cha’n fhàg, a chuisle mo chridhe, cha’n fhàg; ni mo a dh’ fhàgas mi mo mhic na mo nigheannan. Fhad ’sa tha’n deò an Dennis Costello, cha tréig a sibh.” Phòg e a leanabanan a ris agus a ris. Thilg e dheth a chuid aodaich, a’s chaidh e air ais d’a leaba an t aon duine bu shona ’bha taobh na h-àird’ an iar do dh’ Eirinn. ’Nuair a phill an càirdean ’sa’ mhaduinn a thoirt comhfhurtachd d’a mhnaoith, fhuair iad Dennis Costello ’sa leanabh air a ghlùn, a’s e gabhail duanaig dha—“Gràdh mo chridhe, mo chrùisgean làn, làn; gràdh mo chridhe, mo chrùisgean làn!” Cha ruigear leinne tuille a ràdh. Cha robh fadal imrich gu bràth tuille air Dennis Costello. Bha e sona saothrachail, a’ soirbheachadh anns gach nì. Dh’éirich Tim òg a suas gu bhi na ghille tapaidh. Fhuair iad tuille fearainn. Chinnich gach ni mar a b’àill leo. Cha robh càraid ’san àite co riaraichte shunndach riu; agus is minig a chualar Dennis ag ràdh, ‘Tha America aig an dorus, nan deanadh daoine feum dheth. Am fear tha càradh ’sa’ bhaile bhos, bithidh e càradh sa’ bhaile ud thall; is fearr an t-olc eòlach na ’n t-olc aineolach.”—Cuairtear nan Gleann. [TD 180] [Vol. 7. No. 23. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, DESEMBER 30, 1898. Cha ’n eil gun ruith a nise ach latha no dha dhe ’n bhliadhna so; mu ’m bi nar comas labhairt ri ar càirdean a rithist, bidh an t-seana bhliadhna air triall agus bliadhn’ ùr air tighinn ’na h-àite. Bidh an t-seana bhliadhna a thug solas do chuid agus bròn do chuid eile air ar fàgail, agus a bhliadhn’ ùr air tighinn le iomadh ni an tasgadh dhuinn ris nach eil dùil againn. ’Se dùrachd MHIC-TALLA da luchd-leughaidh, agus do na Gàidheil uile, gu ’m bi a bhliadhna so tha tighinn na bliadhna mhath da-rireadh dhaibh—bliadhna a bheir g’ an ionnsuidh iomadh sòlas agus sonas—bliadhna anns am meal iad na beannachdan air am bheil am bàrd a luaidh: “Biadh us aodach agus slaint’; us saorsa, càirdeas agus sith.” Tha an dùrachd sin againn ’nar cridhe, ’nuair a chuireas sinn failte orra anns na briathran a bhios gu coitchionn air an cleachdadh: BLIADHNA MHATH UR DHUIBH. Chuireadh an cunntas a dh’ ionnsuidh gach aon a bha air deireadh ann am pàigheadh MHIC-TALLA, o chionn dha no tri mhiosan air ais; ach tha àireamh mhor o nach d’ fhuair sinn fios-freagairt sam bith, olc no math, a dh’ innse ciod a bha ’nam beachd a dheanamh. Tha sinn an so a toirt rabhadh dhaibh sin, nach leig iad a leas suil a bhi aca ris a chòrr dail. An deigh na Bliadhn’ Uire tha againn ri postachd a phàigheadh, agus air an aobhar sin cha ’n urrainn dhuinn leantuinn air a bhi cur a phaipeir gu muinntir nach eil a pàigheadh air a shon. Air son cothrom a thoirt do na h-uile, cha chuirear stad air paipeir neach sam bith gu toiseach Februaridh; ach an uair sin, bidh ainmean na muinntir nach eil a pàigheadh air an toirt bhar nan leabhraichean. SOITHICHEAN SMUIDE ’S LONGAN COGAIDH. Tha sluagh ro-lionmhor a’ dol thar a’ chuain re ’n t-samhraidh. Tha daoine ag aireamh gu bheil seachd ceud gu leth mìle ’siubhal a nunn agus a nall thar an Atlantaic fharsuing, stuadhach, a h-uile bliadhna. A bharrachd air cuideachd Chunaird agus Ailein, tha cuideachdan laidir, ealanta eile ann, aig am bheil bàthaichean smùide ’tha triall le ceum deifireach, agus a’ giulan luchd trom eadar America ’s an Roinn-Eòrpa. Is maith a dh’ fhaodas ioghnadh anabarrach a bhi orrasan aig am bheil cuimhne air na longan beaga, suarach seolaidh anns am b’ abhaist do na h-Eilthirich a bhi ’tighinn bho Bhreatunn, an trath a dh’ amhairceas iad air na bàtaichean lùrach, tapaidh, a tha cosmhuil ri luchairtean uasail, maiseach, a’ ruith thar saile ’s a’ ruigheachd ann an cuig laithean ’us beagan uairean cladach Bhreatuinn bho Iorc Nuadh, agus bho bhailtean eile air an taobh so de ’n chuan dhomhain, bheucach. Tha na soithichean smùide ’tha air an togail a nis eadar cuig ceud gu leth agus sè ceud troidh air fad. Cha’n eil iomradh idir, aig an àm so, air longan fiodha. Is e stailinn a tha daonnan oir a tha gle mhinic air a chur gu feum ann an togail nam bàtaichean smùide ùra ’tha co boidheach, grinn, snasmhor, am feadh a tha iad a’ snamh air broilleach a’ chuain. Tha na longan mora so air an roinn le balla laidir a chumas uisge, ’us nach leig le uisge air bith teachd annta. Tha ochd ’us deich, ’us ma dh’ fhaoidte tuille roinnean de ’n t-seorsa so, anns gach bàta trom, farsuing. Ma thig tubaist no sgiorradh air bith air a’ bhàta, ged bhitheas roinn no dha lan uisge, gleidhidh na roinnean anns nach faigh an fhairge dol a stigh, an soitheach trom leonta gun dol fodha. Tha corr ’us ceithir cheud seirbhiseach air bord aon de na soithichean riomhach so. Feumaidh gu cinnteach, na bàtaichean smùide fuathas airgid a chosnadh a chum gach cosdas a phaigheadh, agus eadhon riadh beag a thabhairt seachad airson an airgid do na daoine ’thog iad. Tha bàtaichean smùide grinn, lurach r’ am faicinn gle thric air lochan àluinn Chanada. Buinidh do Thoronto, do Bhuffalo, do Chicago, ’us do bhailtean mora eile, longan smùide a tha cosmhuil ri aitreabh eireachdail, no ri caisteal greannar, greadhnach, am feadh a tha iad a’ snamh le tapaidh ’us maise na h-eala bho phort gu port, agus bho aon loch gu loch eile. Cha ’n fhaicear ach gle ainneamh an diugh soitheach seolaidh am meadhon a’ chuain le ’siùil sgaoilte ’mach agus soirbheas laidir ’g lionadh, agus a’ tabhairt air an t-soitheach imeachd le luathas anabarrach thar nan tonn. Co a bha riamh ann an Glascho nach robh ach beag air a bhodhradh leis an fhuaim oillteil a tha iadsan a’ deanamh a tha ’togail nan longan mora smuide. Tha miltean le ord ’n an laimh a’ bualadh le ’n uile neart, mar nach bitheadh fiughair aca gu faiceadh iad an latha maireach. Tha longan cogaidh air an togail gun tamh ann an Amhainn Chluaidh, agus ann an ionadan eile ann am Breatunn. Is ann le longan cogaidh fiodh—an daraich—a thug Nelson, an ceannard cabhlaich foirmeil, tapaidh, buaidh air na Frangaich, agus a rinn e euchdan iomraiteach. Bha ’na longan cogaidh fiodha ard os cionn an uisge. Bha iad mall ’n an gluasad, oir cha robh aca ach breidean geala ’s soirbheas nan speur leis am b’ urrainn iad seoladh luath a dheanamh. Tha longan cogaidh an latha ’n diugh gu tur eadar-dhealuichte bho na longan fiodha ’laimhsich Nelson co duineil ’us co easgaidh. Tha Breatunn daonnan taingeil gu bheil caol fairge eadar e fein agus Mor-thir na h-Eòrpa. Is ann air a mhuir agus le ’longan seolaidh agus cogaidh a fhuair Breatunn sealbh air cuibhrionn co beartach de ’n t-saoghal, agus a choisinn e maoin, ’us storas, ’us ainm, ’us cumhachd co anabarrach mor. Tha malairt ’us bathar Bhreatuinn a ruigheachd suim eagalach anns a’ bhliadhna. Tha luchd-riaghlaidh na dùthcha ’reusanachadh air a mhodh so: “Feumar malairt iomadach an rioghachd a dhion am feadh a tha e air a’ chuan. As a’ bheartas mhor a tha ’n dùthaich a’ faotainn air an doigh so leis gach malairt a tha aice le criochan na talmhainn, bheir sinn airgiod gu leoir leis an tog sinn longan cogaidh a bheir didein ’us tearuinteachd do gach soitheach seolaidh ’us smuide ’tha ’giulan malairt no bathar fo shuaicheantas Bhreatuinn.” Is àluinn agus is lionmhor da rireadh, longan cogadh Bhreatuinn. Is treun ’us ullamh a tha cabhlach Bhreatuinn anns gach fairge ’s anns gach caol ’us camus far am bi feum air an tearmunn a’s urrainn do long cogaidh a thabhairt seachad. Cha do sguir fathast an othail agus an deasachadh a bha Breatunn a’ cur an gniomh bho chionn ghoirid, le bhi ’g uidheamachadh gach luinge cogaidh a bhuineas dha, ’chum ’s gu dionadh e a choirean fein le faobhar a’ chlaidheimh ’us le peileirean mìllteach nan gunnachan mora, mur bitheadh e comasach sith a ghleidheadh agus a mhealtuinn. An trath a bha cogadh eadar Breatunn agus an Fhraing a bagairt a bhi ann, bha mi fein gle thoilichte gu deachaidh long cogaidh gu Sidni a chum tearuinteachd a thabhairt do mo charaid MAC-TALLA, ’s do luchd-aiteachaidh Shidni. Cha ’n fheum mi di-chuimhne ’dheanamh air na bataichean smuide a chaidh chall, agus air nach cuala riamh iomradh. Aig an àm so fein, tha MAC-TALLA ’s mi fein fior-dhuilich gu deachaidh soithichean smuide ’chall anns a mhiosa so fein, agus gu bi iomadh teaghlach air gach taobh de ’n chuan gle bhronach aig a’ bhliadhna ùr, do bhrigh gu do bhathadh caraid ionmhuinn anns na long-bhriseadhan a thachair air an deireadh-fhogharaidh so. CONA. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. [TD 181] [Vol. 7. No. 23. p. 5] NAIGHEACHDAN. Thainig dubhradh iomlan air a ghealaich oidhche Di-màirt ’sa chaidh. Bha an oidhche anabarrach briagha, agus fhuair daoine cothrom air an dubhradh fhaicinn gu math. Thainig aiteamh air an t-seachdain s’a chaidh a thug air falbh am beagan sneachda bh’ againn, air chor ’s nach robh na ròidean ach dona mu àm na Nollaig. Ach thainig tuilleadh sneachda air an t-seachdain so, agus tha dochas aig daoine gu’m bi e beagan na ’s buaine. Tha seirbheis Ghàilig ri bhi ann an eaglais St. Peter’s an deigh so, uair ’sa mhios. Roimhe so cha robh Gàilig air a sesrmonachadh ann an St. Peters idir, ach a nise tha searmonaiche math Gàilig anns a chùbaid, an t-Urr. Iain Calder, agus air maduinn a cheud Sàbaid dhe gach mios, bidh an t-seirbheis ann an Gàilig. Tha fathunn a dol mu’n cuairt gu bheil tim-chlar an rathaid-iaruinn ri bhi air atharrachadh an ùine ghoirid agus gu’m bi an carbad a fàgail a bhaile so mu uair gu leth na’s anmoiche ’sa mhaduinn na tha e deanamh an dràsda. Bhiodh sin gle mhath, agus tha sinn an dòchas gu bheil an sgeul fior. Tha an uair air a bheil e falbh an dràsda mi-chiatach. Chaidh bàthadh muladach a dheanamh faisg air Fourchu Dior-daoin air an t-seachdain ’sa chaidh. Bha Calum Domhnullach agus a mhac a tigh’nn dhachaidh á Louisburg le luchd bàtà de ghual, agus thainig stoirt orra, ’s bha iad air an call le chéile, ’s gun iad ach astar goirid o’n dachaidh. Chunnacas am bàtà bhar a chladaich, ach bha an stoirm cho doirbh ’s nach b’ urrainn do dhaoine dhol ’gan cuideachadh. Bha Mr. Domhnullach agus a mhac le chéile gle mheasail anns a choimhearsnachd, agus bidh ionndrain mhor orra. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. Am Feillire. DESEMBER, 1898. 1 Dior-daoin Bas Raibeart MhicShim 1783 2 Di-haoine Breith Thormaid MhicLeoid D. D. 1783 3 Di-satharna 4 DI-DONAICH 2ra Domhnach na h-Adveint 5 Di-luain Bas Mhic Bheith, 1066 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin 8 Dior-daoin Breith Ban-righ Mairi, 1542. 9 Di-haoine 10 Di-satharna Crùnadh Alasdair III, 1214. 11 DI-DONAICH 3ra Domhnach na h-Adveint 12 Di-luain 13 Di-mairt 14 Di-ciaduin Bas Seumas V, 1542. 15 Dior-daoin 16 Di-haoine 17 Di-satharna Fògradh Seumas VII, 1689 18 DI-DONAICH 4mh Domhnach na h-Advent 19 Di-luain 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin An latha ’s giorra ’sa bhliadhna 8 u. 36m. 22 Dior-daoin 23 Di-haoine Rugadh Sir Isaac Newton, 1642 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH Latha Nollaig. 26 Di-luain 27 Di-mairt 28 Di-ciaduin Feill na Naoidheanan. 29 Dior-daoin 30 Di-haoine 31 Di-satharna A’ Challuinn. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 5, M. 52 M An Solus Ur, L. 13, U. 7, M. 29 M A’ Cheud Chairteal L. 19, U. 11, M. 8 F An Solus Lan, L. 27, U. 7, M. 25 M AR STOC GEAMHRAIDH. SLEIGHEACHAN. Air an deanamh leis a Chanada Carriage Co. An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh. ACUINN. Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr BEIN. An “Saskatchewan Buffalo.” CLUIG agus CUIPICHEAN. Dhe gach seorsa. BRATAN-EACH. Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean. Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 182] [Vol. 7. No. 23. p. 6] SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XII. Bha mi anabarrach toilichte le mar a thainig gnothaichean mu ’n cuairt, agus ghrad dh’ ordaich mi do na seirbhisich measan dhe gach seorsa agus fion a chur air a’ bhord. Rinn iad sid gu h-ealamh. Bha sinn ag itheadh ’s ag ol, agus ri cridhealas gus an robh e dluth air meadhain oidhche. Chuir mi seachad an oidche na bu taitniche na rinn mi riamh roimhe. Dh’ fhan i anns an taigh fad na h-oidhche. An uair a bha i ’falbh anns a’ mhadainn bha mi air son deich buinn airgid a chur ’na laimh; ach cha ghabhadh i bonn uam. Is ann a ghabh i gu h-olc mi ’ga thairgseadh dhi. Thuirt i, “Cha ’n ann gus ni a bhuineadh dhutsa a ghabhail a thainig mi idir. Ach feumaidh tusa airgiod a ghabhail uamsa; ar neo mur gabh cha ’n fhaic thu gu brath tuilleadh mi.” An uair a thuirt i so chuir i a lamh ’na sporran agus thug i deich buinn as, agus thug i orm an gabhail an aghaidh mo thoile. “Faodaidh tu duil a bhith agad riumsa mu dhol fodha na greine tri latha o ’n diugh.” Ghabh i a cead dhiom, agus dh’ fhalbh i; agus dh’ fhairich mi gu’n d’ thug i leatha mo chridhe an uair a dh’ fhalbh i. Thainig i an ceann an treas latha mar a thubhairt; agus ghabh mi rithe le mor-aoibhneas. Chuir sinn seachad am feasgar agus an oidhche mar a rinn sinn roimhe; agus an uair a bha i ’falbh thug i orm deich buinn airgid a ghabhail, agus thuirt i gu’n tigeadh i an ceann an treas latha. Thainig i an treas uair mar a gheall i; agus an uair a bha sinn le cheile air fas blath lois an fhion, thuirt i, “A ghraidh mo chridhe, ciod i do bharail orm? Nach ’eil mi maiseach agus tlachdar?” “Tha gu dearbh,” arsa mise, “nochd mise dhut gu soilleir ann an iomadh doigh gu ’m bheil gaol mor agam ort. Tha e ’na aobhar aoibhneis gle mhor dhomh a bhith ’g ad fhaicinn. Tha thu gu buileach a’ riaghladh thairis air mo chridhe. As d’ aonais cha ’n ’eil e an comas dhomh a bhith aon chuid sona no beo.” “Nam faiceadh tu bean uasal araidh air am bheil mi eolach, tha mi cinnteach nach canadh tu sin. Tha i na ’s oige agus na ’s maisiche na mise. Tha i anabarrach cridheil, aoidheil, agus bhiodh an duine a’s muladaiche a tha beo, cridheil, sunndach ’na cuideachd. Feumaidh mi a toirt an so; bhruidhinn mi rithe mu d’ dheidhinn, agus tha i air bhainidh gus d’ fhaicinn. Ghuidh i ormsa a toirt an so, ach cha bu dana leam sin a dheanamh gun a chur ’nad chead-sa.” “Dean thusa mar a thogras tu,” arsa mise, “ach ciod sam bith cho tlachdar ’s a tha do bhanacharaid, tha mi deimhin nach teid aice air atharrachadh sam bith a thoirt air a’ ghradh a th’ agamsa dhut.” “Na bi ro chinnteach asad fhein,” ars’ ise, “tha mi ’g innseadh dhut gu ’m bheil mi gus lan-dheuchainn a chur air do chridhe.” Chuir sinn seachad na bha romhainn dhe’n oidhche mar a b’ abhaist dhuinn. Anns a’ mhadainn an uair a bha i ’falbh thug i orm coig buinn dheug airgid a ghabhail uaipe. “Cuimhnich gu ’m bheil mo bhana-charaid gu tighinn an so comhladh rium an ceann da latha; agus tha mi’n dochas gu ’n toir thu aoidheachd chridheil dhi. Thig sinn mu dhol fodha na greine.” Thug mi fa near an taigh a chur ann an ordugh cho math ’s a ghabhadh deanamh, agus chaidh suipear mhath a dheasachadh air an coinneamh. Bha mi gabhail fadachd gu leor gus an d’ thainig iad. Cha bu luaithe a thainig iad na thug iad le cheile an srol bhar an aghaidhean. Ma chuir maise na te thainig an toiseach ioghnadh orm, bu mho na sin a chuir maise na te eile de dh’ ioghnadh orm. Bha aghaidh aice cho cumadail ’s a b’ urrainn a bhith; bha i deas, dealbhach ’na pearsa, agus bha da shuil mhora, mheallach, mhiogach, bhlatha ’na h-aodann a ghluaiseadh faireachdainean gaoil ann an cridhe fir sam bith air an amhairceadh i. Thug mi taing dhi a chionn gu ’n do chuir i a dh’ urram orm gu’n d’ thainig i do m’ thaigh; agus ghuidh mi oirre mo leithsgeul a ghabhail mur rachadh agam air caoimhneas is urram a nochdadh dhi mar bu choir dhomh. “Na bi ’toirt taing sam bith domh,” ars’ ise, “is ann bu choir dhomsa taing a thoirt dhutsa, a chionn gu’n do leig thu le mo bhanacharaid mo thoirt an so. Ach o ’n a dheonaich thu ceadachadh dhomh tighinn, biomaid uile cho saorsnail ’sa thogras sinn, agus biodh ar n-aire air sinn fhein a thoileachadh.” Cho luath ’s a thainig iad thug mi ordugh an t-suipear fhaotainn deiseil, agus ann an uine ghoirid shuidh sinn aice. Shuidh mise aig a’ bhord mu choinneamh na te ’thainig an oidhche ud, agus cha deachaidh fois oirre ach ag amharc orm, agus fiamh gaire air a gnuis. Cha b’ urrainn domh gun tuiteam ann an trom ghaol oirre. Ach ma thuit mise ann an gaol oirre-se, thuit ise ann an gaol ormsa; agus cha tug i oidhirp sam bith air na faireachdainean a bha ’na cridhe a chumail am falach orm. Ged a thug an te eile an aire dhuinn, cha robh i an toiseach ach a’ sior ghaireachdaich ruinn. “Nach d’ innis mi dhut,” ars’ ise ’s i sealltaìnn orm, “gu’n robh maise agus tlachd ro mhor ’nam bhanacharaid? Tha mi ’faicinn gu’n do bhrist thu mar tha air na boidean a thug thu gu ’m biodh tu dileas dhomhsa.” “A bhean uasal,” arsa mise ’s mi ’deanamh gaire mar a rinn i fhein, “bhiodh aobhar agad a bhith ’gearain orm nan robh mi suarach mu’n mhnaoi uasail a thug thu an so, agus air am bheil meas cho mor agad. Dh’ fhaodadh sibh le cheile coire a chur orm mur b’ aithne dhomh urram a thabhairt do shluagh a thigeadh thun mo thaighe.” Lean sinn air ol agus air comhradh; agus mar a bha sinn a’ fas blath leis an fhion bha mi fhin agus a bhean uasal og a bha mu m’ choinneamh a’ sior amharc air cheile; agus mu dheireadh dh’ fhas an te eile cho lan de dh’ eud ’s gu ’n d’ rinn i gniomh a bha uamhasach. Dh’ eirich i o ’n bhord agus chaidh i am mach, ag radh gu ’n robh i gu tilleadh a steach an uine ghoirid. Ach beagan an deigh dhi a dhol am mach, thainig atharrachadh air aghaidh na te bha mu m’ choinneamh, agus thuit i far na cathrach air an robh i ’na suidhe. Rug mi oirre gus a togail, agus mu ’n do tharr mi sealltainn ugam no uam bha i marbh eadar mo lamhan. Ghrad chaidh mi am mach feuch am faicinn a’ bhean uasal eile; agus thuirt na seirbhisich rium gu ’n deachaidh i am mach air an dorus, agus gu ’n d’ fhalbh i. Thuig mi an uair sin gu ’m b’ i a b’ aobhar do bhas na te eile. Leis mar a bha i cho lan dhe ’n eud ’s dhe ’n droch nadar, chuir i gun fhios puinnsean anns an fhion do ’n te eile. Chuir an tubaist so dragh anabarrach mor orm. Cha robh fhios agam ciod a dheanainn, no ciod a dh’ eireadh dhomh. Thug mi fa near nach robh dad a b’ fhearr dhomh na ’n corp a chur as an t-sealladh gun dail sam bith. O’n a bha airde na gealaich ann thug mi air na seirbhisich te dhe na leachdan mora a bh’ anns a’ chuirt air beulaobh an doruis a thogail, agus toll mor a chladhach foidhpe, agus an corp a chur ann. Rinn iad so, agus chuir iad an leac na h-aite fhein mar a bha i roimhe. Gun dail sam bith chuir mi umam deise eile, agus thug mi leam a h-uile bonn airgid a bh’ agam. Agus an uair a ghlas mi na dorsan gu leir, chuir mi seula orra. Chaidh mi far an robh am fear do ’m buineadh an taigh. Phaigh mi dha na bh’ aige orm de mhal. Thug mi dha mar an ceudna mal bliadhna, agus thug mi dha na h-iuchraichean gus an gleidheadh dhomh. Thuirt mi ris mar so:—“Tha gnothach gle chabhagach ’g am thoirt air falbh o’n taigh car uine; feumaidh mi dhol gu ruige Cairo feuch am faigh mi sgeul air m’ athair agus air braithrean m’ athar.” Dh’ fhag mi slan aige, agus ghrad mharcaich mi air falbh ann an cuideachd mo sheirbhiseach. Chaidh mo thurus leam gle mhath, oir rainig mi Cairo gu sabhailte. Thachair braithrean m’ athhr rium; agus mar leithsgeul, thuirt mi riutha gu ’n robh mi a’ ghabhail fadachd a’ feitheamh riutha ann an Damascus; agus o nach robh mi ’cluinntinn guth no iomradh orra nach b’ urrainn mi a bhith aig fois gus an ruiginn Cairo. Bha iad gle caoimhneil rium agus gheall iad gun tugadh iad air m’athair gun diumbadh sam bith a bhith air rium a chionn falbh a Damascus gun chead fhaotainn uaithe. Bha mi ’fuireach anns an aon taigh-osda riutha, agus chunnaic mi moran dhe na nithean iongantach a bh’ ann an Cairo. An uair a chuir iad crioch air an gnothach, thoisich iad ri deanamh deiseil gu tilleadh gu ruige Mosul. Ach o’n a bha toil agamsa an tuilleadh de dh’ ioghnaidhean na h-Eiphit fhaicinn, chaidh mi dh’ fhuireach do thaigh-osda eile, far an d’ fhan mi gus an d’ fhalbh iadsan gu ruige Mosul. Bha iad ’g am shireadh air feadh a’ bhaile; agus an uair a dh’ fhairtlich orra m’ fhaighinn, shaoil leotha gur e tilleadh do Dhamascus a rinn mi, air eagal gu’m biodh diumbadh aig m’ athar rium a chionn falbh as gun chead. Ach bha duil aca gu ’n tachrainn riutha ann an Damascuis. Dh’ fhan mi anns an Eiphit fad thri bliadhna. Bha mi gu riaghailteach a’ cur a’ mhail a dh’ ionnsuidh a’ mharsanta o ’n do ghabh mi an taigh ann an Damascus; oir chuir mi romham gu ’m fanainn beagan bhliadhnachan ann an deigh dhomh falbh as an Eiphit. Cha do thachair driodartan sam bith dhomh anns an Eiphit; ach bithidh ioghnadh gu leor ort an uair a chluinneas tu mar a thachair dhomh an deigh dhomh tilleadh do Dhamascus. (Ri leantuinn.) BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. [TD 183] [Vol. 7. No. 23. p. 7] AN FHAISTNEACHD. LE DONULL MAC CALUM. A chiad oidhche chaidh Lorain a cheilidh air Para nam Feadag an déigh dha fhéin ’s do ’n Ghile Bhàn tigh’nn dhachaidh o’n mhòd, anns a chòmhradh bha aca air mar thachair, thuirt Lorain ri Para—“Air son mar bhrath thu orm fhéin ’s air a’ ghile, tha mise deanadh fàisneachd: dé air bith na mharbhas tu de fhéidh an deigh so, nach blaìs thu mor a d’ bheul dhiu.” “Faodaidh thusa sin,” deir Para; “ach ’s e gle bheag géill tha mise toirt do ’n fhàisneachd sin.” A chiad turus a chaidh Para do ’n mhona ’s mharbh e fiadh, air dha bhi ruigeadh Tòr nan Sìthichean, air a shlighe dhachaidh, chual’ e ’n ceòl binn sin air a thogail nach cual’ e riamh roimhe cho binn ris. Ach mu ’n gann a chual’ se e, thilg e ’m fiadh an siod agus theich e dhachaidh cho luath ’s a bheireadh a’ chasan e. Ràinig e ’n tigh na shrutha bàite falais ’s thug e leab’ air Air an oidhch’ an deigh sin chaidh Para nam Feadag a chéilidh air a Ghile Bhàn agus deir e ris—“Cha ’n ’eil teagamh sam bith agam a nis nach ’eil sìtheachan ann. Tha ’m fiadh a mharbh mi ’n dé ac’ an diugh ga itheadh. Cha chual’ thu riamh ceòl cho binn ’sa bh’ ac’ an raoir ’an Tòr nan Sìtheachan.” “An robh e,” deir an Gile, “coltach ri so,” ’s e toirt làmh air ional ciùil nach fhaca Para riamh roimhe. Thog an Gil’ an ceòl, agus air dha a chluinntinn, thuig Para gu ’m b’e siod obair Lorain ’s a Ghile, agus gu ’n robh am fiadh aca. “Mur bitheadh an fhàidearachd,” deir an Gile ’n uair a sguir e de ’n cheòl, “bheirinn dhuit spòg de ’n fhiadh. Ach so dhuit an ceann,” ’s e ga fhaotainn dha, “tha e beag gu leòir dhuit air son do shaothair. O’n a tha e cho briagh gheibh thu pris mhath air.” “Cha ’n ’eil atharrach air,” deir Para, “gabhaidh mi sin fhéin an tràths. Bithidh mi suas riut fhathast.” An dara turus a chaidh Para do ’n mhona, air dha fiadh a mharbhadh ’sa thoirt leith an rathaid dhachaidh, air cnoc as a cheann chual’ e fuaim feadag Chaptain Goblets. ’S cha luaithe chual’ e sin na thilg e ’m fiadh an siod ’s a theich e dhachaidh cho luath ’s a bheireadh a’ chasan e Air an oidhch’ an deigh sin, air do Phara bhi air chéilidh ’an tigh Lorain, dh’ innis e dha mar chual’ e fead a Chaptain ’s cho caol ’sa chaidh e as o bhi air a ghlacadh, le teicheadh agus am fiadh fhàgail an siod. “An i so,” deir Lorain, “an seòrsa fead a chual’ thu?” ’s e toirt a lathair feideag airgead, ’sa toirt srann orra. Le siod cha robh Para cho chlì ’s nach do thuig e gu ’m b’e siod obair Lorain ’sa Ghile Bhàin, agus gu ’n robh am fiadh aca. “Mur bitheadh an fhàisneachd,” deir Lorain, “bheirinn dhuit spòg de ’n fhiadh, ach so dhuit an ceann,” ’s e ga fhaotainn dha, “tha e beag gu leòir dhuit air son do shaothair. O’n a tha e cho briagh gheibh thu prìs mhath air.” “Gabhaidh mi,” deir Para, “sin fhéin an tràths. Ach bith mi suas riut fathast.” An treas turus a chaidh Para do ’n mhona, air dha fiadh a mharbhadh, chual’ e urchair air a leigeil air an taobh eile de ’n chnoc air an robh e. Shaoil Para gu ’m b’e siod obair Lorain ’s a Ghile, agus leig e urchair g’a freagairt. An sin chual’ e fead agus shéid e fheadag g’a freagairt. Ach mu ’n gann a rinn e sin co a nochd thar mullach a chnuic ach Captain Goblets agus a chuid ghillean. Mu ’n robh fios aig Para c’ àite ’n robh e bha e air cheangal eadar làmhan agus chasan, agus air an oidhche sin fhuair e leaba ’s a’ phrìosan. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 184] [Vol. 7. No. 23. p. 8] Laoidh. “Is mòr an tighearna, agus is ro airidh e air cliù.”—Salm cxlv., 3. Sheinn na h-ainglein òran sàimh, Shuas gu h-àrd an cùirt nan nèamh, A’ toirt cliù do ainm an Dé ’N uair a dhealbh e ’n cruinne-cé. Sheinn iad dàn air gràdh is sìth, ’N uair a rugadh Righ nan righ; ’N uair a thug e buaidh le ’bhas, Rinn iad luaidh air shuas an dàn. Seinnear òran binn ’san là ’S an téid talamh ’s nèamh ’nan smàl; ’N uair ’thig nèamh is talamh nuadh, Molar Dia na glòire shuas. Am bi tosd air clann nan daoin’ Gus an deanar nuadh an saogh’l? Chi bhi—seinnidh Eaglais Dhé Sailm is laoidhean ’s dàin gach ré. Seinnidh naoimh air thalamh ’ta, Cliù an Dé gu h-ait a ghnàth; ’S iad a’ fòghlum mar is còir Cliù a sheinn an cùirt na gloir’. Le buaidh-chaithream aig a’ bhàs Seinnidh iad le aoibhneas àrd; Anns an ionad-chòmhnuidh bhuan Bheir iad cliù is gloir do ’n Uan. An Gleann ’s an Robh mi Og. LE NIALL MAC LEOID. AIR FONN,—“When the kye come hame.” ’N uair philleas ruinn an samhradh, Bidh gach doire ’s crann fodh chròic; Na h-eòin air bhàrr nam meanglan ’Deanamh caithreim bhinn le ’n ceòl; A’ chlann bheag a’ ruith le fonn Mu gach tom a’ buainn nan ròs— B’e mo mhiann a bhi ’s an àm sin Anns a’ ghleann ’s an robh mi òg. Anns a’ ghleann ’s an robh mi òg, Anns a’ ghleann ’s an robh mi òg, B’e mo mhiann a bhi ’s an àm sin Anns a’ ghleann ’s an robh mi òg. ’S a’ mhaduinn ’n àm dhuinn dùsgadh, Bhiodh an driùchd air bhàrr an fheòir; A’ chuthag ’us gug-gùg aic’ Ann an doire dlùth nan cnò; Na laoigh og’ a’ leum le sunnt, ’S ag cuir smùide air feadh nan lòn; Ach cha’n fhaicear sin ’s an àm so Anns a’ ghleann ’s an robh mi òg. Anns a’ ghleann, &c. ’N àm an cruinneachadh do ’n bhuailidh B’e mo luaidh a bhi ’n an còir; Bhiodh a duanag aig gach guanaig, Agus cuach aice a dòrn; Bhioch mactalla ’freagairt shuas— E ri aithris fuaim a beòil— Ach cha cluinnear sin ’s an àm so Anns a’ ghleann ’s an robh mi òg. Anns a’ ghleann, &c. Ann an dùbhlachd gharbh a’ gheamhraidh Cha b’e àm ’bu ghainn’ ar spòrs; Greis air sugradh, greis air dannsa, Greis air canntaireachd ’us ceòl; Bhiodh gach seanair aosmhor, liath, ’G innse sgialachdan gun ghò, Air gach gaisgeach fearail, greannmhor, Bha ’s a’ ghleann ’n uair bha iad òg. Anns a’ ghleann, &c. Bha de sholas dheth gach seòrs’ ann ’Chumadh òigridh ann am fonn; Cha robh uisge, muir, no mòinteach, Air an còmhdach bho ar bonn; Ach an diugh tha maor ’us lann Air gach alltan agus òb; Cha’n ’eil saorsa sruth nam beanntan Anns a’ ghleann ’s an robh mi òg. Anns a’ ghleann, &c. Tha na fàrdaichean ’n am fàsaich, Far an d’ àraicheadh na seòid, Far ’m bu chridheil fuaim an gàire, Far ’m bu chàirdeil iad mu’n bhòrd; Far am faigheadh coigreach bàigh, Agus ànrach bochd a lòn; Ach cha’n fhaigh iad sin ’s an àm so Anns a’ ghleann ’s an robh mi òg. Anns a’ ghleann, &c. Chaochail maduinn ait ar n-òige Mar an ceò air bhàrr nam beann; Tha ar càirdean ’s ar luchd-eòlais Air am fògradh bhos ’us thall; Tha cuid eile dhiubh nach gluais, Tha ’n an cadal buan fodh ’n fhòd, ’Bha gun uaill, gun fhuath, gun antlachd Anns a’ ghleann ’s an robh iad òg. Anns a’ ghleann, &c. Mo shoraidh leis gach cuairteig, Leis gach bruachaig agus còs Mu ’n tric an robh mi ’cluaineis ’N àm ’bhi ’buachailleachd nam bò— ’N uair a thig mo réis gu ’ceann, Agus feasgar fann mo lò, B’e mo mhiann a bhi ’s an àm sin Anns a’ ghleann ’s an robh mi òg. Anns a’ ghleann, &c. Dean Fead is Thig Mise. EADAR LE FIONN. Dean fead is thig mise ga d’ ionnsaidh a luaidh, Dean fead is thig mise ga d’ ionnsaidh a luaidh, Biodh m’ athair ’s mo mhàthair ’s na càirdean an gruaim, Dean fead is thig mise ga d’ ionnsaidh a luaidh. A’ tarruing ga m’ fhaicinn, bi faiciollach, ciùin ’S na tig ’n uair a chi thu a’ chachaleith duint’, Gabh ’nìos am frith-rath’d is ceil air gach sùil Gu ’bheil thu a’ tighinn ga m’ faicinn-se rùin. Aig féill no ’s a’ chlachan ged chì thu mi ann, Na seas rium a’ bhruidhinn, ’s na crom rium do cheann, Thoir sùil thar do ghualainn ’s rach seachad le deann; ’S na gabh ort gu’n d’ aithnich thu idir co bh’ ann. Gu ’r coma leat mise, sìor àicheamh gu dlùth, ’S ma ’s fheudar e, labhair gu tàireil mu m’ ghnuis, Ach feuch ri té eile nach tog thu do shùil— Air eagal ’s gu ’n talaidh i thusa a rùin. Thatar ag radh gu robh còrr us fichead duine air am marbhadh anns a Chlondaic ann an aon seachdain le tuiteam sneachda. Tha i ’na dùthaich a tha doirbh re a gheamhraidh, agus anabarrach cunnartach do luchd-siubhail. Bu chòir do na h-uile, fìor Ghàidheal a bhi gabhail ’sa lughadh MHIC-TALLA. Is e an aon phaipeir Gailig a tha ri fhaotainn, agus bu choir do luchd na Gàilig an dichioll a dheanamh air a chumail suas. Cha bhi e ’na chliù dhaibh idir ma leigear bàs e, agus tha sinn an dochas nach deanar sin. THA DROCH ANAIL Mi-thaitneach. Tha géireachd, losgadh-bràghaid, gaotharachd, agus meuran eile de Chion-cnamhaidh a deanamh iomadh neach mi-shona. Bheir K. D. C., agus K. D. C. Pills an anail gu bhi mar is còir dha bhi, agus leighsidh iad cion-cnamhaidh, ’s gach seòrsa tinneas-stamaig. AIR AN DEAGH MHOLADH. Sampuill a Nasguidh. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia agus 127 State St., Boston Mass. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 185] [Vol. 7. No. 24. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 6, 1899. No. 24. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. VIII. ANN AN TIGH NA BAINNSE. Thachair nithean eile aig a’ bhanais a rinn feum dhomhsa gus an latha ’n diugh. Cha ruig mi leas an ainmeachadh uile; oir is dòcha nach biodh e freagarrach dhomh sin a dheanamh. Ach air aon nì sònraichte dhe na thachair bheir mi iomradh an dràsta. Dh’ innis mi mar tha gur e seòladair a bh’ ann am fear na bainnse. Mar a bha coltach agus nàdarra gu leòr, thug e cuireadh do thriùir no cheathrar dhe ’chompanaich thun na bainnse. Tha mi ’creidsinn gu ’n d’ òl fear no dithis dhiubh làn no dhà na slige mu ’n deachaidh iad do thaigh na bainnse; oir bha iad gu math comhraiteach. Bha am pailteas ri itheadh ’s ri òl air bòrd na bainnse; agus ged nach d’ òl an dithis so mòran a bharrachd air càch, dh’ fhàs [?] mu dheireadh. [?] ’s cho [?] gheibh-[?] facal a [?] iad iomchuidh gu leòr ’nan cainnt; ach cha chuala mise riamh ach ainneamh comhradh bu lugha dòigh agus a b’ amaidiche na ’n comhradh a bh’ aca. Thòisich iad ri deanamh suas ris na nigheannan òga. Agus bha fear dhiubh a’ cur roimhe mu dheireadh gu ’n suidheadh e eadar fear na bainnse ’s bean na bainnse. Thuig a h-uile neach a bha làthair gur e na dh’ òl iad a thug orra a bhith ’deanamh cùis-bhùrsd dhiubh fhein, agus cha dubhairt neach facal riutha a bhrosnaicheadh gu corruich no gu mì-ghean iad. Cha ’n ’eil mi ’smaointean gu ’n robh nàdar tuasaideach annta idir. Mu dheireadh thòisich an cadal ri tighinn orra, agus le bòineach thugadh orra dhol do sheòmar-cadail far an do chaidil iad gu trom cùl ri cùl gus an robh a’ mhadainn ann. An uair a fhuaradh air falbh a seòmar na bainnse iad, thuirt seann duine còir dhe na bh’ anns a’ chuideachd gu ’n robh an staid anns an robh an dithis a dh’ òl tuilleadh ’s a’ chòir a’ cur dorrain gu leòr air. “Ach tha mi ’smaointean,” ars’ esan, “gu ’n toir an dòigh anns an do ghluais iad iad-fhein sùileachan dhuinn uile. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, ‘Faodaidh duine a leòr itheadh gun a chluasan a shalach.’ Agus thusa, ’ille òig” (ars’ esan ’s e ’g amharc gu geur ormsa) “gabh beachd air na tha mise ’dol a ràdh, agus cha mhisde thu e gu latha deireannach do shaoghail. Na òl deur dhe ’n deoch làidir an uair a bhios tu ’dol gu cuirm no gu banais, ar neo faodaidh gu ’n dean thu cùis-mhagaidh dhiot fhein. Faodaidh duine riaghailt de bhiadh ’s de dheoch a ghabhail ann am measg cuideachd gun chron sam bith a dheanamh dha fhein, agus gun aobhar bruidhne a thoirt do dhaoine eile. Am fear aig nach bi meas air fhein, na biodh dùil aige gu ’m bi meas sam bith aig daoine eile air. An déigh do ’n dithis ghillean còire ud a bhith air crionadh anns an ùir, bidh cuimhne aig gach neach ’nar measg a bhios beò ’nan deigh gu ’n do ghabh iad barrachd ’s a’ chòir dhe ’n deoch an nochd. Agus ged nach d’ rinn iad tuasaid sam bith ’nar measg-ne, b’ fhearr leinn iad a bhith gu comhraiteach, càirdeil comhladh ruinn na iad a bhith ’nan suain chadail anns an t-seòmar ud thall. Gheibh iad troimh ’n t-saoghal air aon dòigh no dòigh eile, mar a fhuair gu leòr dhe ’n seòrsa roimhe so; ach mur ’eil mise air mo mhealladh gu mòr cha dean iad fortan gu bràth mur gabh iad biadh is deoch ann am measarrachd mar bu chòir dhaibh.” Dh’ éisd sinn uile gu foighidneach ris na thuirt an seann duine còir; oir bha e soilleir dhuinn gu ’n robh e ag innseadh na fìrinn. An uair a chaidh an dinnear seachad, thuirt fear dhe na bha làthair gu ’m bu chòir do gach aon nach robh toileach na bha romhainn dhe ’n oidhche a chur seachad ann an seòmar an dannsa, feuchainn ris an oidhche chur seachad gu cridheil le bhith ’g innseadh naigheachdan, agus a’ gabhail òran. Dh’ aontaich na h-uile gu ’n robh so glé cheart. O nach robh mise ’nam dhannsair math cha do dheònaich mi dhol do sheòmar an dannsa idir. Nan robh mi ’nam dhannsair aig an àm, bha mi air a dhol ann gun teagamh; oir bha toil gu leòr agam a bhith ann an cuideachd na maighdinn òig dhe ’n do ghabh mi tlachd. Bha mi iomadh latha o ’n uair ud glé thoilichte nach deachaidh mi ann; oir bhiodh mo chridhe air a leònadh an uair a chithinn a’ mhaighdean òg a’ dannsa comhladh ris na fleasgaich òga eile agus mi fhein ’nam shuidhe gu h-aonaranach anns an t-seòmar. Mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, ‘Is e obair latha tòiseachadh.’ Chaidh greis dhe ’n ùine seachad mu ’n d’ fhuaradh na daoine a dh’ fhan ann an seòmar na bainnse a chur ann an saod obrach. Cha robh duine dhe na bh’ anns a’ chuideachd toileach tòiseachadh an toiseach. Mu dheireadh thuirt fear dhe na bha ’n lathair, “A’ cheud sgeul air fear an taighe, agus gach sgeul gu latha air na h-aoidhean.” Dh’ aontaich na h-uile gu ’n robh so ceart gu leòr. Bha fear an taighe ’na dhuine còir, furfailteach, seanachasach, agus dh’ innis e dhuinn an sgeul a leanas. “Bha duine còir anns an àite ’s an d’ rugadh mise,” ars’ esan, “agus bha dithis nighean aige cho boidheach ’s cho banail ’s a gheibhteadh anns an dùthaich gu léir. Rugadh an dithis nighean so comhladh, agus bha iad cho coltach ri cheile ’nan cruth ’s ’nan dealbh ri dà ugh. Mar a bha nàdarra gu leòr, thuit iomadh fear de ghillean òga na dùthchadh ann an trom ghaol orra. Cha robh fear seach fear dhe na gillean òga a thuit ann an gaol orra a dheanadh am mach co ’n dara te seach an te eile dhiubh, na ’s lugha na chitheadh iad taobh ri taobh iad. Bha na nigheannan le chéile anabarrach cuireadach, agus gu math tric dheanadh an dara te leannanachd ri fear sam bith a thigeadh thun an taighe an àite na te eile. Bha so a’ toirt ceol-spòrs gu leòr dhaibh le cheile; ach cha robh iad a’ leigeadh dad orra. Mu dheireadh chuir fear dhe na gillean roimhe gu ’n cuireadh e tairgse pòsaidh mu choinneamh Moraig. Ach mar is minic a thachair a dh’ fhear dhe ’sheòrsa, cha leigeadh an nàire leis bruidhinn rithe mu ’n chùis ged a bha e eòlach gu leòr oirre. Cha robh fhios aige air an t-saoghal ciod a dheanadh e. Bha eagal a chridhe air gu ’n tugadh fear eiginn eile uaithe i. Mar is tric a thachair bha dlùth chompanach aige. Bha ’n companach so, mar a bha e fhein, gu math tric a’ tathaich an taighe anns an robh na h-igheannan óga. Ach cho fad a b’ fhiosrach e cha robh an companach so ann an gaol air te seach te dhe na h-igheannan. Thachair gu ’n robh banais gus a bhith anns an àite. Bha cuireadh aig Domhull òg gus a dhol thun na bainnse. Agus ma bha gach duine gu bhith air a’ bhanais bha Mòrag is Màireag, an dithis nighean a dh’ ainmicheadh, gu bhith oirre. Thàinig Seumas bàn far an robh Domhull, agus thuirt e ris, ‘Tha beagan gnothaich agam ruit, a Dhomhuill—tha mi ag iarraidh ort cobhair a dheanamh orm ’s mi ’nam éiginn.’ ‘Cha ’n ainneamh leat sin,’ arsa Domhull. ‘Cha chreid mise nach ’eil thu ’nad éiginn an diugh na ’s mò na bha thu riamh; ar neo tha thu tinn. Cha ’n ’eil do choltas gu math co dhiubh. Innis dhomh ciod a tha thu ’g iarraidh orm a dheanamh.’ ‘Bha mi ’smaointean gur tusa an aon duine ris am faodainn mo ghnothach ’earbsa, agus tha mi ’n dòchas nach bi thu ’n aghaidh mo ghnothach a dheanamh air mo shon.’ ‘Nach duirt mi ruit iomadh uair mar tha gu ’n deanainn rud sam bith a dh’ iarradh tu orm, nam b’ urrainn domh. Is math a tha fhios agad nach do chuir thu ni riamh mu m’ choinneamh nach d’ rinn mi. Na bi ’g am chumail na ’s fhaide. Innis dhomh ciod a tha thu ’g iarraidh orm a dheanamh.’ ‘Nach ’eil thu ’dol thun na bainnse?’ ‘Tha: cha d’ fhuair thu fhein cuireadh idir, tha mi cluinntinn?’ ‘Cha d’ fhuair; agus b’ fhearr leam gu ’n d’ fhuair; oir tha Mòrag gu bhith air a’ bhanais, agus is e sin a thug orm tighinn far am bheil thusa. A nis, cha diùlt thu deanamh mar a dh’ iarras mi ort.’ ‘An ainm an àigh innis dhomh gun tuilleadh dàlach ciod a tha thu ’g iarraidh orm a dheanamh. Na biodh an corr m’ a dheidhinn.’ ‘Feòraich de Mhòraig, ma ta, am bheil i deònach mise ’phòsadh; agus gabh dìreach far am bi mi an uair a thig thu bhar na bainnse, agus innis dhomh ciod a their i riut.’ ‘Nach tu a th’ as do chiall, a dhuine? Am bheil thu ’n dùil gu ’m bruidhinn mise rithe air do shon? C’ ar son nach do chuir thu fhein an tairgse m’ a coinneamh? Cha ’n ’eil thu cho ainneamh ’na cuideachd. Creid thusa mise, ’Sheumais, no na creid, ach tha mise ag ràdh riut nach bi barail mhath sam bith aig an nighinn ort an uair a gheibh i am mach nach ’eil de mhisnich agad na chuireas tairgse pòsaidh m’ a coinneamh. Leig dàil leis a’ ghnothach gu cionn latha no dhà, agus bruidhinn fhein rithe.’ ‘Innsidh mise dhut an fhìrinn gu saor, a Dhomhuill, cha robh latha o chionn leith bhliadhna nach robh mi a’ cur romham gu ’m bruidhnean rithe mu ’n chùis; ach cha bu luaithe a gheibhinn cothrom air bruidhinn rithe na bha mi ’call mo mhisnich buileach glan. Dh’ fhairlich is dhubh dh’ fhairlich orm am facal bu lugha a radh rithe riamh fhathast mu phòsadh; agus mur gabh thusa an gnothach [TD 186] [Vol. 7. No. 24. p. 2] as laimh bidh an nighean ’g am dhìth, tha eagal orm.’ ‘Cha do dhiùlt mi riamh gus a so ni sam bith a dheanamh a dh’ iarr thu orm; ach gu fìrinneach ceart cha ’n ’eil mi deònach am muigh no am mach gnothach a ghabhail ris a’ chùis. Theid mi comhladh ruit oidhche sam bith a thogras tu a dhol g’ a h-iarraidh. Ach cha ’n abair mi facal an nochd rithe mu d’ dhéidhinn. Cha bhiodh ann ach rud mi-choltach dhomhsa facal a ràdh rithe mu d’ dhéidhinn. Cha dubhairt mise facal leannanachd ri aon nighinn riamh ’nam bheatha. Cha ’n ’eil fhios agam cia mar a thòisichinn ri bruidhinn rithe. Cha dean mi ach an nighean a chur as do luib, tha eagal orm.’ ‘So, so, a Dhomhuill, na biodh an corr m’ a dhéidhinn. Bruidhinn ris an nighinn air mo shon. Mur aithne dhut mar a bhruidhneas tu ri nighinn, cha bhi thu na ’s òige ri d’ ionnsachadh.’ ‘Na cluinneam an corr, a Sheumais. Chaidh thu uaithe orm buileach glan. Tha mi ’n déigh còig paidhrichean bhròg a chaitheamh a’ falbh comhladh riut a dh’ amharc air an nighinn, agus cha robh oidhche a dh’ fhalbh mi comhladh riut nach robh thu greis mhath ’na comhradh. Cha ’n aithne dhòmhsa ciod a bhiodh agaibh ri ràdh mur robh sibh a’ bruidhinn air pòsadh.’ ‘A nis, a Dhomhuill, cha bhi diùltadh ann. Ni thu mar a tha mise ag iarraidh ort, agus gu math tràth am màireach innsidh tu dhomhsa mar a théid dhut. Feasgar math dhut.’ (Ri leantuinn.) NA GIOSRAGAN. Cha b’ ann a measg nan Gaidheil a mhain a bha creideas air a thoirt do “dhroch suil” a bhi cronail do dhuine agus do dh’ ainmhidh. Bha na Romanaich agus na Greugaich o shean, a toirt lan chreideas do ’n ni so; agus gheibh sinn e a measg nan olc graineil a tha air an toirmeasg anns an leabhar naomh. Tha fios gu bheil droch shuil ann a tha cronail do ’n neach aig a bheil i. Tha suil a thabhairt air cuid ar coimhearsnaich le sannt anns a chridhe, na bhrisead air an àithn’ a tha ag radh, “Na sanntaich cuid do choimhearsnaich”; agus is droch shuil sin dhasan aig a bheil i. Tha, mar an ceudna, an t-suil a tha ’g amharc air maoin neach eile, agus sin a’ dusgadh spiorad farmaid anns a chridhe, na fior dhroch shuil dhasan aig a bheil i. Ach ’s ann dhasan a mhain a tha i cronail. Cha ’n ’eil sinn idir a creidsinn gu bheil cumhachd aice air dochann sam bith a dheanamh air neach no ni eile. Ach cha b’e so idir beachd agus làn chreideas nan sean Ghaidheal, ach gu ’n robh buaidh a chum uilc aig suil neach de ’n t-seors’ ud gu bhi ag aobharachadh tinneas agus bàs ann an teaghlaichean agus a measg feudail an co-chreutairean. Do bhrigh sud, cha bhiodh tlachd aca gu ’m biodh neach air an robh amharus na droch-shuile a tighinn do ’n bhuaile no do ’n mhainnir; ’s gu seachd araidh bha e cunnartach a leithid sud do neach an spreidh a chunntadh. Na ’n tachradh gu ’n tigeadh fear no te aig an robh droch shuil a steach do ’n taigh aig àm a bhi toirt a mhuighe, no a maistreadh, bha e teagmhach an tigeadh an t-ìm, ged ’bhristeadh tu do chridhe ris. Chum tubaist de ’n t-seorsa sin a sheachnadh, rachadh, gu minig, a maistreadh fhagail gu ’n deigh àm cadail. Na ’n cuireadh cam-chodhail air choir-eigin droch creutair de ’n t-seors’ ud an rathad aig a leithid sud a dh’ àm, bhiodh deoch de ’n uachdar air a thoirt da ’chum ’s nach biodh na bha ’s a mhuighe air a mhilleadh le droch shuil braidein. Bha mar so inntinn luasgach, neo-shochdair aig gach neach a bha fo bhuaidh a chreidimh fhaoin so. Na fasadh aon de ’n chloinn no aon de ’n chrodh tinn, bhiodh amharus gur e suil cuid-eigin a luidh air, agus sin gu sonruichte ma bha luiriste de chreutair bochd mu ’n cuairt aig an àm no goirid roimh sud. Chuirte an sin fios air neach aig an robh eolas beum-suile. Bha ’neach sin a togail uisge le soitheach á sruth air an robh na beòaibh agus na mairbh a dol seachad. Bha e an sin a cur bonn airgiod, oir agus copair, anns an t-soitheach uisge, agus ag aithris an rann so os cionn an uisge:— ’S e ’n t-suil a chi, ’S e ’n cridhe a smuainicheas, ’S e ’n teanga ’labhras; ’S mise ’n triuir gu tilleadh so ortsa (An so ainmich an neach, no ’ni a tha tinn.) An ainm an Trianaid. Bha an sin an t-uisge airgiod air a chrathadh airsan a bha tinn. Tha Mac Coinnich, ann an “Sar Obair nam Bard Gaidhealach,” a toirt dhuinn na h-orra so a leanas:— Deanamsa dhutsa eolas air suil, A uchd ’Ille Phadruig naoimh, Air at amhaich is stad earrbuill, Air naoi conair ’s air naoi connachair, ’S air naoi bean seang sìth, Air suil seana-ghille, ’s air sealladh seana-mhna; Mas a suil fir i, i lasadh mar bhigh, Mas a suil mhnath i, i bhi dh’ easbhuidh na cìch. Falcadair fuar agus fuarachd da ’fuuil. Air a ni, ’s air a daoine, Air a crodh ’s air a caoraich fein. &c. Cha robh trioblaid no galair gu ’n “eolas” no “orra” air a shon. Ach foghnaidh na thug mi dhut gu bhi nochdadh do d’ luchd-leughaidh faoin-chleachdannan nan linntinn a dh’ fhalbh. Cha ’n e idir gu bheil gach saobh chreidimh de ’n t-seorsa so air dol gu tur bas, ’s e nach ’eil. Ach tha e gu ’n teagamh air dol as gu mor seach mar a bha e, eadhon leth cheud bliadhna air ais. Bu nar le neach an diugh gu faicte e a crathadh uisge airgiod air each no air mart no creutair sam bith eile, oir bhiodh fios aige nam faighte mach air e, gu ’m biodh e na cheol gaire aig a mhuinntir òig. Oir tha nise sgoil ’us ionnsachadh aig an al a tha ’g éiridh suas, agus mar sin tha iad comasach air iomadh ni a thuigsinn agus a bhreithneachadh a bha dorcha air na h-aithrichean o’n d’ thainig iad. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XIII. An uair a thill mi do Dhamascus, chaidh mi direach gu taigh a’ mharsanta do ’m buineadh an taigh; agus bha aoibhneas gu leor air an uair a chunnaic e mi. Chaidh e comhladh rium a dh’ ionnsuidh mo thaighe gus a nochdadh dhomh nach deachaidh duine a steach air an dorus fhad ’s a bha mi air falbh. Bha ’n seula gun bhristeadh air a’ ghlais, agus an uair a chaidh mi steach fhuair mi gach ni direach mar a dh’ fhag mi iad. An uair a bha iad a sguabadh nan seomraichean, fhuaradh ann an t-seomar anns an robh mi fhin agus na mnathan uaisle a’ gabhail ar bidh, bann-muineil oir anns an robh deich neamhnuidean ro luachmhor. An uair a thugadh do m’ ionnsuidh e dh’ aithnich mi anns a’ mhionaid gur ann mu amhaich na mna uasail a chaidh a phuinnseanachadh a bha e, agus thuig mi gu’n do bhrist e an uair a thuit i marbh, ged nach tug mise an aire dha. Cha b’ urrainn mi amharc air gun teannadh ri sileadh nan deur, an uair a chuimhnich mi mar a chuireadh am boirionnach maiseach aig an robh e gu bas. Phaisg mi e, agus chuir mi ’nam bhrollach e. O’n a bha mi gle sgith an deigh mo thuruis, bha mi aireamh laithean gun dol am mach as an taigh. Na dheigh sin thoisich mi ri taghal air mo sheann luch-eolais. Thug mi mi-fhin suas do gach uile sheorsa solais, agus gun fhios dhomh fhein chaidh mi troimh na bh’ agam de dh’ airgiod ann an uine ghoirid. An uair a theirig mo chuid airgid, an aite an t-innsreadh a bh’ anns an taigh a reic, is ann a smaoinich mi gu ’n reicinn am bann-muineil. Ach bha mi cho aineolach air neamhnuidean ’s nach robh fhios agam ciod a luach bu choir dhomh iarraidh air a shon. Chaidh mi do ’n mhargadh, agus a’ cheud fhear-reic a thachair rium thug mi ceum a thaobh e, agus an uair a sheall mi am bann-muineil dha, thuirt mi ris gu’n robh toil agam a reic. Dh’ iarr mi air a dhol far an robh na h-or-cheardan a b’ ainmeile a bha anns a’ bhaile feuch an ceannaicheadh iad e. Ghabh e ioghnadh gu leor an uair a chunnaic e na seudan; oir dh’ aithnich e gu ’n robh iad gle luachmhor. “Nach e rud a ’s boidhche a chunnaic duine riamh,” ars’ esan, ’s e sior amharc air na seudan. “Cha’n fhaca na marsantan a th’ anns a’ bhaile so seudan riamh cho luachmhor riutha. Bidh iad gle fhada ’nam chomain air son a shealltainn dhaibh. Tha mise cinnteach gu’n toir iad pris mhor air.” Thug e do bhuth a’ mharsanta mi do ’m buineadh mo thaigh, agus dh’ iarr e orm fuireach gus an tilleadh e.” Fhad ’s a bha e air falbh feuch am faigheadh e reic do ’n bhann-mhuineil bha mise a’ comhradh ris a’ mharsanta mu chaochladh nithean. An uair a thill e thug e ceum a thaobh mi, agus an aite innseadh dhomh gu ’m b’fhiach am bann da mhile bonn oir, thuirt e rium nach fhaigheach e tairgse a b’ airde na leith cheud bonn air a shon. “Tha iad ag radh,” ars’ esan, “nach fhiach neamhnuidean ni sam bith. Am bheil thu deonach a thoirt seachad air a phris ud.” Ghabh mi aig ’fhacal e; agus o ’n a bha mi gle fheumach air airgiod, thuirt mi ris a reic gun dail agus an t-airgiod a thoirt ugam. B’ e aon dhe na h-or-cheardan bu bheartaiche a bh’ anns a’ bhaile a dh’ iarr a radh rium gur e leith cheud bonn a b’ fhiach am bann. Thuirt e so gu deuchainn a chur orm, a chum gu ’m faigheadh e am mach an robh fhios agam air cho luachmhor ’s a bha na seudan. Cha bu luaithe a chual an t-or-cheard so gu’n robh mi deonach am bann a reic air son leith cheud bonn na thug e am fear-reic agus am bann-muineil gu beulaobh a’ bhreithimh. Thuirt e, “So agaibh bann-muineil a ghoideadh uamsa, agus tha am fear a ghoid e an drasta fhein anns a’ mhargadh. Bha e dalma ’s gu ’n do chuir e an duine so air feadh a’ bhaile gus a reic. [?] son leith [?] da mhile soilleir gur e ghoid a rinn e.” Thug am breitheamh anns a’ mhionaid ordugh mise ’ghlacadh. An uair a thugadh air a bheulaobh mi dh’fheoraich e dhiom—agus am bann-muineil aige ’na laimh—am b’ e sid a’ cheart bhann-muineil a bha mi deonach a reic anns a’ mhargadh. Thuirt mise gu ’m b’ e. “Am bheil e fior,” ars’ esan, “gu ’m bheil thu deonach a reic air son leith cheud bonn?” Thuirt mi ris gu ’n robh e fior gu leor. “Beiribh air ’s a’ mhionaid, agus gabhaibh dha leis a’ chuip gus an aidich a chionta,” ars’ am breitheamh. “A dh’ aindeoin cho riomhach ’s gu’m bheil an deise a th’ air, cha ’n ’eil ann ach an dearg mheirleach.” Thug an droch dhiol a rinneadh orm leis a’ chuip orm na breugan innseadh. Dh’ aidich mi, ged nach robh e fior, gu ’n do ghoid mi am bann-muineil. Ghrad thug am breitheamh ordugh an lamh dheas a ghearradh dhiom. Chualas gun dail anns a’ mhargadh mar a thachair dhomh, agus is gann a rainig mi mo thaigh fhein an uair a thainig am marsanta do ’m buineadh an taigh far an robh mi. “A mhic,” ars’ esan, “tha choltas ort a bhith ’nad dhuine og a fhuair deadh fhoghlum, agus anns am bheil tur; cia mar a tha e comasach gu’m biodh tu ciontach dhe ’n droch ghniomh a chuireadh as do leith? Dh’ innis thu dhomhsa mu [TD 187] [Vol. 7. No. 24. p. 3] do shuidheachadh, agus mu do chuid, agus tha mi ’creidsinn gu’n d’ innis thu an fhirinn dhomh. C’ar son nach d’ iarr thu airgiod iasaid ormsa, agus bheirinn dhut e anns a’ mhionaid? Ach an deigh na thachair, cha ’n urrainn dhomhsa leigeadh leat fuireadh na ’s fhaide anns an taigh. Feumaidh tu dhol a dh’ iarraidh aite eile anns am fuirich thu.” Chuir so dragh ro mhor orm, agus ghuidh mi air le deuraibh leigeadh dhomh fuireach anns an taigh gu ceann tri latha. Thug e cead dhomh so a dheanamh. Ochan! arsa mise rium fhein, cha ’n urrainn mi cur suas leis an tamailt ’s leis a’ mhi-fhortan so a thainig orm. Cia mar is urrainn domh m’ aghaidh a nochdadh an lathair m’ athar? Cha chreid e gu brath gu’m bheil mi neochiontach. An ceann tri uairean ’na dheigh sid thainig maoir o’n bhreitheamh, agus am fear do ’m buineadh mo thaigh, agus an t-or-cheard a bha gu breugach ag radh gu’n do ghoid mi am bann-muineil, agus chuartaich iad an taigh. Dh’ fheoraich mi dhiubh ciod e an gnothach a bh’ aca rium. Ach an aite freagairt dhomh is ann a cheangail iad mi gu cruaidh, teann, agus an deigh dhaibh mo chaineadh ’s mo smadadh thun mo bhrog, thuirt iad rium gu ’m b’ ann le Uachdaran Dhamascuis a bha am bann-muineil; gu ’n deachaidh e air chall o chionn corr is tri bliadhna; agus nach cualas iomradh air te dhe nigheanan anns an uine sin. Chuir an sgeula so [?] a chuala mi e. [?] mi misneach [?] ’n innsinn an fhirinn gu saor, soilleir do ’n Uachdaran. Agus thuirt mi rium fhein, gu ’m bithinn aon chuid air mo chur gu bas, ar neo gu ’n tugadh e mathanas dhomh. An uair a thugadh air beulaobh an Uachdarain mi dh’ aithnich mi air a ghnuis gu ’m bu duine truacanta a bh’ ann, agus gu’n robh truas aige rium. Thug so misneach mhath dhomh. Dh’ ordaich e m’ fhuasgladh; agus thionndaidh e ris an or-cheard a bha ’cur na cionta as mo leith, agus ris an fhear do ’m buìneadh mo thaigh, agus thuirt e riutha, “An e so an duine a reic am bann-muineil anns an robh na neamhnuidean?” “Is e,” ars’ iadsan. Ghrad thuirt an t-Uachdaran, “Tha mi cinnteach nach do ghoid e riamh e, agus tha ioghnadh orm gu ’n deanteadh a leithid a dh’ eucoir ’s a rinneadh.” Thug na briathran so an tuilleadh misnich dhomh. “Mo thighearna,” arsa mise, “tha mi ’g innseadh dhuibh le firinn gu ’m bheil mi neochiontach. Tha mi mar an ceudna deimhin nach ’eil cuid no gnothach aig an duine a tha ’cur na cionta as mo leith ris a’ bhann-mhuineil. Cha ’n fhaca mise an duine riamh gus an duigh, agus is e na breugan eagallach a rinn e bu choireach gu ’n d’ rinneadh eucoir mhor ormsa an diugh. Tha e fior gu ’n dubhairt mise, an uair a bha mi air mo chradh leis an buillean a bha mi ’faotainn, gu ’n do ghoid mi e; ach thuirt mi e an aghaidh mo chogais, air son aobhar araidh eile. Agus innsidh mi dhuibh an t-aobhar ma ’s aill leibh eisdeachd rium.” “Tha fhios agam air gu leor m’ a dheidhinn mar tha,” ars’ an t-Uachdaran. “Gus cuid dhe ’n cheartas a tha dligheach dhutsa a thoirt dhut, tha mi ag ordachadh am fear a rinn casaid breige ort a thoirt air falbh a so, agus a’ cheart pheanas a dheanamh air ’s a rinneadh ortsa, o ’n a tha fhios agam gu ’m bheil thu neochìontach.” Gun dail sam bith rinneadh mar a dh’ ordaich an t-Uachdaran, agus thugadh an lamh dheas bhar an or-cheaird agus bu math an airidh. An sin dh’ ordaich an t-Uachdaran do na h-uile n bh’ anns a’ chuirt a dhol am mach. Thuirt e riumsa, “A mhic, innis dhomh gun fhiamh gun eagal, cia mar a thainig am bann-muineil ’nad rathad; na ceil ni sam bith orm.” Dh’ innis mi dha gu saor, soilleir gach ni mar a thachair, agus thuirt mi ris, gu’m b’ fhearr leam a bhith air mo dhiteadh mar bhreugaire na nithean a thachair a dheanamh follaiseach do ’n t-sluagh. “A Dhe mhathasaich!” ars’ esan, “tha do bhreitheanais do-rannsachaidh, agus bu choir dhuinne bhith leagteadh riutha ’s gun ghearain sam bith a dheanamh. Tha mi gu h-umhail a’ giulan leis a’ bhuille thruim a leag thu orm.” An sin thuirt e riumsa, “A mhic, a nis o ’n a chuala mi an t-aobhar air son an d’ thainig am masladh ort, agus tha do shuidheachadh a’ cur dragh gu leor orm, innsidh mi dhut mar a thainig am mi-fhortan ’nam rathad-sa. Biodh fhios agad, ma ta, gur mise athair an dithis mhnathan uaisle oga air an robh thu an drasta ’bruidhinn. (Ri leantuinn.) LITIR A CEAP NOR. A CHARAID,—Cia cho luath ’s a tha uine ruith seachad! ’S goirid gus am bi a bhliadhna so air a cur ri àireamh na ’m bliadhnaichean a dh’ aom. ’S iomadh aon a chunnaic a toiseach do nach do dheònsaichadh a bhi beò gus a’ deireadh fhaicinn. ’S ann mar sin a bha ’tachairt gach aon bhliadhna o dh’ fhàs daoine lionmhor air an talamh, ach tha àireamh ro mhòr dhiubh sud a’ faotuinn bàis mhì-nadurra; mar a bha fein-mhortairean agus muinntir a chuireadh gu bàs le làmhan dhaoine eile. Dhiubhsan a th’ air am mort ’n ar latha-ne, cha saoil mi gu bheil air aghaidh na cruitheachd ris am mó a bu chòir a bhi againn de chomh-fhaireachadh na na h-Armenianaich neo-chiontach, a tha air an gearradh sios gach là leis na Turcaich mhallaichte, a bu choir a bhi air an sguabadh, gun dàil, bharr aghaidh na talmhuinn. Cha ’n e mhain gu bheil iad ’g am mort, ach tha iad a’ deanadh sin anns gach dòigh a’s piantaile air an urrainn iad smuaineachadh. Cha ’n ’eil ach ùine gle ghoirid o’n leugh mi leabhar air n h-Armenian massacres, agus ’s leor e gus a thoirt air fuil duine criosdail sam bith goil ’n a chuislean. Ann an aon de phaipearan na seachduin s’a chaidh, tha cunntas air a thoirt le duìne aig an robh deadh fhios, gu bheil mu dheichnar ’an so, mu fhichead ’an sud, agus mu cheud ’an àiteigin eile de ’n Tuirc, air an cur gu bàs gach là. ’S ann a tha e gle choltach gu bheil an Sultan an-iochdmhor, agus a chuid ìochdarain bhrùideal, a cur rompa gu’m gearr iad as iad mar so a lion beag ’us beag gus nach fàg iad anam beò dhiubh. De ’m math dhomhsa bhi leudachadh ni ’s mò. Bitheamaid a’ guidhe gu’n dùisgeadh an Tighearna suas rioghachdan criosdail an domhain gu grabadh a chur air an obair ifrinneal ud gun dàil. Tha mu throidh-gu-leth sneachd’ againn air an talamh a nis; ach na ’m bu shneachda na shil de uisge o chionn choig seachduinean, ’s gann a gheibhadh daoine gluasad taobh sam bith an diugh ach leis a bhroig shneachda. Cosmhuil ris gach cearna eile de ’n eilean so, cha ’n eil a bheag sam bith de’n òigridh a’ fantuinn aig an dachaidhean ’s an àite so. Mu ’n gann a tha iad aig am meudachd, a mach a thà iad do na Stàidean. Tha sianar mhac ’us nigheanan aig mo choimhearsnach, Tomas Mac-a-Phearsun, mu bhaile Bhostòn, ’s tha mi air mo mhealladh mur ’eil e fhein ann an diugh air an ceann. Tha e gu fantuinn maille riu gu toiseach an t-samhradh, agus cha ruig e leas lamh a thoirt a pòca gu car a dheanamh, no sent a thoirt aisde gu cosg air fhein. Nach ann aige tha là an àigh. Tha mar an ceudna piuthar dha—bantrach—a comhnuidh ’s a bhaile ud le teaghlach. O chionn àireamh mhòr bhliadhnaichean, dh’ fhalbh piuthar eile dha as an Eilean Mhòr maille r’a fear-pòsda Iain Ceamp, agus chaidh iad gu New Zealand, far am bheil iad a gabhail còmhnuidh gus an là ’n diugh. Tha mi ’m barail gur h-e ainm a fir a chunnaic mi am measg na muinntir a phàigh air son a MHIC-TALLA o chionn ghoirid. Tha sinn toilichte ’bhi faicinn gu bheil cuid de Ghaidheil anns an dùthaich fhad as ud a’ cur a leithid a luach air a MHAC-TALLA, ged tha e cosg am barrachd dhoibh-san na tha e dhuinne. Cha ruig a phris a leas cur eadar e fhein agus neach sam bith; oir ’s math a’s fhiach e h-uile sgillinn dhi, agus bu choir a luchd gabhail a bhi moran ni’s lionmhoire air feadh an t-saoghail na tha iad. Tha adhartas mòr air tigh’n air a’m meudachd agus ’an doighean eile o nochd e air tùs, agus cha bu choir tigh anns am bheil aon is urrainn a bheag sam bith de’n Ghàilig a leughadh, a bhi as eugmhais. Tha mi fhein fior mheasail air; ach nach ann a tha fuil an fhior Ghàidheil a ruith an cuislean an duine chòir aig am bi a speuclairean deas air a shuilean mu ’m gann a thig fear giulain a MHIC-TALLA am fradharc a thaighe idir! Na ’n robh na h-uile Gaidheal cho dìleas ris an diunlach ud, ’s cinnteach mi fhein gu’m faodadh am MAC-TALLA ’bhi air a mheudachadh iomadh fillte a thiotadh. M. D. Ceap Nòr, Des. 15, ’98. CRIOCH NAN ABSTOL. Mata.—Tha e air aithris gu ’n d’ fhulaing an t-abstol agus an soisgeulach so bàs airson creidimh, no gu ’n do mharbhadh le claidheamh e ann an baile do Ethiopia. Marcas.—Chaidh an soisgeulaiche so a shlaodadh troimh shràidibh Alexandria gus an do bhàsaich e. Eòin.—Chaidh an t-abstol agus an soisgeulach so a thilgeadh ann an coire do dh’ ola goileach; gidheadh cha d’ fhuair e bàs, oir dh’ eug e ’n deigh sin ann an Ephesus, an Asia. Lucas.—Chaidh an t-abstol so a chrochadh air craoibh sa’ Ghréig. Peadar.—Chaidh an soisgeulaiche so a cheusadh ’san Ròimh, ’s a cheann “ris an làr,” do reir ’iarrtais féin; oir bha e smaoineachadh gu ’n robh e neo-airidh bàsachadh sa’ cheart suidheachadh, agus air a’ mhodh air an d’ fhulaing a Mhaighstir beannuichte. Seumas an t-Ard.—Chaidh an ceann a thoirt dheth ann an Ierusalem. Seumas bu Lugha—Chaidh e air tùs a thilgeadh o bhinnein an Teampuill, agus a rìs a shlachdadh gu bàs le slachdan muillear-luaidh. Philip.—Chaidh a chrochadh ri post aig Hieropolis, baile de Phrigia. Bartholomeu.—Chaidh an t-abstol so fhionnadh beò, le àithne righ allmhara. Aindrea.—Chaidh a cheangal ri crann-ceusaidh, bho ’n do shearmonaich e gus an d’ thug e suas an deò. Tòmas.—Chaidh sleagh a shàthadh troimh a chorp, ann an Coromandel, an Innsean na h-àirde ’n ear. Iude.—Mharbhadh le saighead e. Simon Eudmhor.—Cheusadh e ann am Persia. Mathias.—Chaidh an tùs a chlachadh, agus an deigh sin an ceann a thoirt dheth. Barnabas.—Chaidh abstol nan Cinneach so a chlachadh leis na h-Iùdhaich aig Salmis. Pòl.—Chaidh an ceann a thoirt dheth leis an ain-tighearna Nero, ’san Ròimh. Chaochail Iain Camshron, ann an Gleann-a-Comhann, an Alba, o chionn ghoirid. Bu bhàrd e, agus bha dreuchd bàird aige ann an Comunn Chloinn Chamshroin. Bha e ’na dheagh sgoileir Gàilig, agus bha e mion-eòlach air eachdraidh agus beul-aithris na sgireachd d’ am buineadh e. Cha bu chòir tigh Gàidheil ann an Canada, anns na Stàitean, no an àite sam bith eile, a bhi as aonais MHIC-TALLA. [TD 188] [Vol. 7. No. 24. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 6, 1899. A’ BHLIADHNA UR. Ma tha neach no aite air an t-saoghal dichiollach ’us fuaimneach an diugh is e Mac-Talla, agus na glinn ’us na glaic anns am bheil aige a dhachaidh uaigneach fein. Is ann le tlachd nach ’eil aon chuid faoin no lag a tha gach balach ’us nighean a cluinntinn an guth fein, am feadh a tha iad le aighear ’us le sunnd a’ togail an ciuil glain, cridheil, am measg nan cnoc agus ionadan arda na tire. Is e caraid fior-dhileas a tha ann am Mac-Talla. Ma bhitheas an iarmailt sprochdach no soilleir, seimh no trioblaideach, tha Mac-Talla daonnan deas. Cha ’n aom codal airsan. Co-dhiu ’s e balachan beag no sean duine ’tha ’deanamh othail ann an samhchair nan aonaichean air latha na Bliadhna Uir no air latha air bith eile, tha cluas Mhic-Talla daonnan fosgailte, ’s tha e ullamh air freagradh caoimhneil a thabhairt seachad do gach neach, sean ’us og, a thogas guth no ni fuaim air bith ann an uaigneas nan sliabh ’us nan dithreabh. On tha Mac-Talla daonnan cairdeil, aighearach; agus on tha e aig gach am dileas ’us easgaidh air freagradh ciuin, beusach, tlath a thabhairt do gach og ’us sean, do gach bochd ’us beartach, do gach ard ’us iosal a ni glaodhach no fuaim laidir ’n a eisdeachd no ’n a chluasan, tha dochas laidir agam gu bheil iomadh litir chaoimhneil a’ ruigheachd Mhic-Talla an diugh thar a’ chuain, bho gach cearna de Chanada ’s bho gach aite anns na Staidean anns am bheil Gaidheil a’ tuineachadh. Is ro mhaith agus is ro dhileas a tha Mac-Talla ’saoithreachadh gach seachduin anns a’ bhliadhna airson a’ Ghailig a’s fearr agus am fiosrachadh a’s modha luach a thabhairt seachad. Faodaidh a cheann a bhi gle ard ’us uaibhreach an diugh, an uair a tha gach neach ag radh r’a choimhearsnach, “Bliadhna Mhaith Ur Duit”; oir cha robh riamh roimhe on thainig am bas air Oisein nan caomh dhan ’us nam beusan ciuin, agus air Malamhin, nighean Thoscair, paipeir naigheachd Gaidhlig a’ tighinn a mach gach seachduin, a tha giulan eolais taitneach, fiachail do gach Gaidheal thall ’us a bhos aig am bheil meas ceart, onorach air cainnt nan Gaidheal, agus air beachdan ’us abhaistean nan daoine firinneach, tapaidh, cruadalach, faoilidh, measarra bho ’n tainig iad. Is maith a tha fios agam fein gu bi na Gaidheil aig am Nollaig a’ moladh gu fonnmhor, gleusda, nan daoine ’chaidh air thoiseach orra, ’s a’ togail laoidh mhilis, chiataich mu ghniomharan foghainteach ’us mu euchdan gaisgeil nan Gaidheal ann an stri nan sleagh ’s nan lann air machair ’us ’us faiche ’n air. Tha Mac-Talla ’s mi fein a’ creidsinn gu diongmhalta, gu bheil tuille mor ’us moladh mu dheibhinn nan ginealach Gaidhealach a bha eudmhor, cairdeil ’n an latha fein, a dhith mu ’m bi Gaidheil an latha ’n diugh co seolta, deanadach, fiughanta ’s a b’ choir doibh a bhi. Rinn Mac-Talla dilseachd iongantach, agus nochd e dealas a bha ro-airidh air cliu anns a bhliadhna ’tha ’nis ann an tir na di-chuimhne. Bha iarrtus cliuiteach aige, mar tha aige an diugh, air sgeadachadh grinn, aluinn a chur air fein agus air a’ Ghaidhlig shnasmhor a tha e ’clo-bhualadh, agus air a phaipeir laghach, fhoghluimte, a chur a mach gach seachduin ann an eideadh ’us le suaicheantas a bheir tlachd ’us toileachas do gach Gaidheal a’s airidh Gaidheal a radh ris. Tha Mac-Talla ’g radh ris gach Gaidheal air am bheil eolas aige cheana, “Bliadhna mhath ur duit, agus moran diu. Gu robh laithean grianach, sunndach ’us sona agad gus an teid lochran do bheatha fodha anns an iar. Tha Mac-Talla taingeil duit airson gach speis ’us comhnadh a tha thu ’nochdadh dha. Cum suas do chaoimhneas agus dean oidheirp air cairdean eile ’fhaotainn dha ’bheir eadhon cuideachadh beag seachad le ’n airgiod dha, am feadh a tha e deonach air e fein uidheamachadh gu tlachdmhor, sgiamhach, agus air meas ’us onoir boidheach a chur air a’ Ghaidhlig agus air na Gaidheil.” Tha gradh mor aig Mac-Talla air gach Gaidheal ann an Canada, ’s air an aobhar sin, tha e ’cur mile beannachd a dh’ ionnsuidh gach Gaidheal nach ’eil fathast a’ gabhail Mhic-Talla. As leth Mhic-Talla, tha mise ’gabhail orm fein a radh gu bheil tuille ’s a choir gu mor fada am measg Gaidheil Chanada de sheanachas gun bhrigh, gun stath, mu dheibhinn nan Gaidheal, ged nach tabhair iad airgiod beag no mor a dhearbhas do neach air bith gu bheil iad dileas ’n an seanachas, no gu bheil muirn no nuadh beag no mor aca do ’n Ghaidhlig no do Mhac-Talla. Tha e co cinnteach ris a’ bhas nach tig fear-deasachaidh paipeir Gaidhlig eile gu la bhrath, a nochdas barrachd eud, ’us dichioll, ’us neo-fheinealachd, na tha ’n Gaidheal dichiollach, laghach, muirneach a nochdadh aig am bheil Mac-Talla ’n a bhroilleach, agus a tha ’g altrum Mhic-Talla le gradh ’us eiridinn a tha araon blath, seirceil agus faicilleach. Tha mo dhochas fein treun ’us maith, gu faigh Mac-Talla aireamh mhor de chairdean ura air a’ Bhliadhna Ur so, ’s mar so gu bi saoibhreas pailt aige airson na h-obair ghasda, fheumail agus tharbhach a’s miann leis a dheanamh. Do luchd-leughaidh Mhic-Talla tha briathran Mhaois freagarrach aig toiseach na bliadhna: “Teagaisg dhuinn a Dhe mar so ar laithean aireamh chum gu socraich sinn ar cridhe air gliocas. Sasuich sinn gu moch le d’ throcair, a chum gu dean sinn gairdeachas agus aoibhneas re ar laithean uile. Agus biodh maise an Tighearn ar De oirnn; agus daingnich Thusa obair ar lamh dhuinn, seadh, daingnich obair ar lamh. CONA. Latha na Bliadhn’ Uire, bha bratach nan Stàitean air a crochadh ri crann ann an Cuba, ’s bratach na Spainne air a toirt a nuas, agus dh’ fhàg a bhuidheann mu dheireadh de na saighdearan Spàinnteach an t-eilean. Bu latha brònach agus tamailteach do ’n Spàinn e, a call a còir air an dùthaich aluinn sin a bha fo ùghdarras dhi o chionn ceithir cheud bliadhna. Ghuil ceannard an airm mar leanabh beag an uair a bha e dol air bòrd na luinge a bha gus a ghiulan air falbh. Ge b’e de dh’ fhaodar a radh mu na Spainntich mar luchd-riaghlaidh, cha ’n eil neach aig nach bi co-fhaireachduin riutha anns a chruaidh-fhortan a thainig orra; agus nach bi an dòchas gu ’n dean iadsan a tha nise ’n seilbh, Cuba a riaghladh cho glic agus cho ceart ’s nach bi an còrr ceannairc ann. Tha Cuba feumach air sith ’s air fois, nithean a bha air an cumail uaipe o chionn iomadh bliadhna. RABHADH. Chuireadh an cunntas a dh’ ionnsuidh gach aon a bha air deireadh ann am pàigheadh MHIC-TALLA o chionn dha no tri mhiosan air ais; ach tha àireamh mhor o nach d’ fhuair sinn fios-freagairt sam bith fhathast, a dh’ innse ciod a bha ’nam beachd a dheanamh. Tha sinn a toirt rabhaidh dhaibh sin, nach leig iad a leas suil a bhi aca ris a chòrr dail. Uaithe so a mach tha againn ri postachd a phàigheadh air a phaipeir gach seachdain, agus air an aobhar sin cha ’n urrainn dhuinn leantuinn air a bhi ’ga chur gu muinntir nach ’eil a pàigheadh air a shon. Ach air son cothrom a thoirt do na h-uile, cha chuirear stad air paipeir neach sam bith gu toiseach Februaraidh. An uair sin bidh ainmean na muinntir nach eil a pàigheadh air an toirt bhar nan leabhraichean. Tha sinn an dòchas nach bi an àireamh ach glé bheag; cha toigh leinn a bhi dealachadh ri ar luchd-leughaidh, ach ’s fheudar dhuinn dealachadh riuthasan nach [?] RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. [TD 189] [Vol. 7. No. 24. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha 2,556 factoridh càise ann an Canada. Chaidh mile ris an àireamh o chionn seachd bliadhna. Tha gluasad anns na Stàitean air son da mhuillean de na daoine dubha chur air falbh gu Cuba, Porto Rico, agus Africa. Thatar ag iarraidh air an riaghladh mile muillean dolar a chur air leth air son sin a dheanamh. Tha an la grippe air tòiseachadh a rithist, agus ann an àiteachan tha moran air an leagadh sios leis. Tha an tinneas so air fas anabarrach bitheanta o chionn beagan bhliadhnaichean air aìs, agus tha e na chuis-eagail, oir cha’n eil geamhradh a’ dol seachad gun e dh’ aobharrachadh iomadh bàs air feadh na duthcha. Chaidh duig òg, Andra Mac Néill a bhàthadh aig Seana Bridgeport an latha Nollaig. Bha e fhéin us fear eile a coiseachd air an deigh agus bhrist i fodhpa. Ghreinnich am fear eile ri maide chaidh a thilgeadh uige, agus fhuaireadh a shàbhaladh, ach bha Mac Néill an deigh dha iomadh ionnsuidh a thoirt air e-fhéin a chumail an uachdar, air a bhàthadh. Bha e tri bliadhna fichead a dh’aois, agus ’na dhuine gle mheasail. Tha bana-charaid ann an Ontario a’ cur ugainn paipeir-naigheachd anns am bheil cunntas fada air mar a chuir na h-Albannaich—Gaidheal us Goill—seachad oidhche Fhéill Aindreis ann am baile Ghuelph. Bha cruinneachadh mor aca, agus bha ceòl, òrain, agus òraidean air an toirt seachad le daoine ’s le mnathan comasach. Bha òraid bhriagha air a liubhairt leis an Dotair Mac Fhionghain, ceann-suidhe a chomuinn Albannaich. Bha fear Iain Williams ann an Grand Valley, an Ontario, a fhuair le spiocaireachd neo-chumanta mu dha fhichead mile dolair a chur m’a seach ag obrachadh fearainn. O chionn seachdain no dha air ais, [?] astar beag o’n tigh [?]. Bha e ’na [?] bliadhna ’sa coig [?] aois, [?] [?]each leis fhéin. ’S e ’m fuachd agus cion a bhidh a dh’ aobharach a bhàs. Thainig a bhliadhn’ ur ugainn le pailteas sneachda. Bha a cheud latha gu math stoirmeil, agus shil moran sneachda. Thainig aiteamh oidhche Di-ciaduin a thug isleachadh as, ach cha’n eil teagamh nach bi sneachda gu leòr againn an deigh so gus an tig aiteamhan an earraich. Tha daoine gle fheumach air ròidean matha, oir roimhe so cha robh e gle shoirbh gluasad, agus tha chuid a’s motha dhe’n obair gheamhraidh gun deanamh aig na tuathanaich fhathast. Chuir riaghladh na Suaine sgioba dhaoine do ’n àirde tuath tòiseach an t-samhraidh s’a chaidh, feuch am faighte sgeul air André, a dh’ fhalbh a dh’ iarraidh ceann a tuath an t-saoghail, agus nach do thill fhathast. Thill an sgioba sin o chionn ghoirid an deigh dhaibh a bhi àireamh mhiosan a siubhal Siberia Thuathach air a shon, ach cha ’n fhacas a dhubh no a dhath leotha. Tha eagal oirnn gu bheil André bochd agus a dhithis chompanach far am bi iad, agus nach cluinnear an còrr sgeòil orra. Faodar a nise litir a chur do chearna sam bith de Chanada ’s dhe na Stàitean air son da shent. Thainig an riaghailt sin gu bhi na lagh air latha na Bliadhn’ Uire; thainig an riaghailt leis am faodar litir a chur do Bhreatunn ’s do àireamh mhor de na Colonies air a phris cheudna gu bhi ’na lagh air latha Nollaig. Faodaidh litrichean a chuirear do Chanada ’s do na Stàitean a bhi unnsa chudthrom, ach litrichean a bhios air an cur do Bhreatunn cha’n fhaod iad a bhi leth-unnsa chudthrom, neo ma bhitheas feumar da shent eile phàigheadh orra. Chaochail gille ann am Minnesota o chionn ghoirid, aois ochd bliadhn’ deug, a bha seachd troighean us da òirleach a dh’ fhad, agus a’ thòimhseadh tri cheud punnd ’sa h-ochd. Tha fear Samuel Parslow, agus Mrs. Carolìne Viau, ann an Scholastique, an Cuebec, air an diteadh gu bàs air son mort, agus tha iad ri bhi air an crochadh air an deicheamh latha dhe’n Mhàrt. Cha deachaidh dithis a chrochadh còmhladh ann an Cuebec, o chionn leth cheud bliadhna. Tha cuid de na paipearan a fàgail air an Ard-riaghladh gu bheil iad an run cis a chur air an ti ’nuair a shuidheas a phàrlamaid. Cha ’n eil fhios co-dhiubh a tha no nach eil sin fior, ach tha dòchas againn gu faic sinn. Ma bhitheas cis air a leagadh air an ti, cha chòrd e ach gu h-olc ri roinn mhor de ’n t-sluagh. Chaidh fear Gordon Benjamin, agus a mhac Fred, a bhàthadh aig Black River, N. S., air an t-seachdain s’a chaidh, ’s iad a toirt fiodh gu muileann-sàbhaidh. Thuit an gille anns an loch, agus chaidh athair a dh’ fheuchainn ri shàbhaladh, ach dh’fhairtlich air agus chaill e a bheatha fhéin anns an ionnsuidh. IADSAN A’ PHAIGH. An t-Urr. Seumas Friseal, St. Andrews, N.S. D. Mac Griogair, Amhuinn a Deas, N.S. An t-Urr. A. MacCoinnich, Heatherton, N.S. Iain A. Mac Gille-bhràth, Dunmaglass, N.S. Domhnull Boyd, Frazer’s Mills, N.S. Aonghas D. Mac Isaic, Lakedale, 50c. N.S. A. M. Caimbeal, Aldborough, Ont. Iain Mac Artair, Ivan, Ont. Domhnull I. Friseal, Vankleek Hill, Ont. An t-Urr. Iain. Mac Fhionghain, Springbank, Ont. Anna P. Nic Laomuinn, Tiverton, Ont. Barbara C. Leitch, Lafontaine, Ont. Tigh nan Cumanach, Ottawa, Ont. Iain Domhnullach, Portage la Prairie, Man. D. W. Mac Cuthaig, Portage la Prairie, Man. Tomas Mac-a-Phearsain, Somerville, Mass. Maurice Roche, Lowell, Mass. M. D. Domhnullach, Edgartown, Mass. C. C. Mac Fhearghais, San Francisco, Cal. I. S. Ros, Caspar, Cal. J. S. Gallagher, Amboy, Ills. Niall Mac Guaire, Amhuinn Bheag, Nfld. Padruig Mac Iomhair, Tolsta, Cuebec. An t-Urr. I. A. Gordon, St. John, N. B. M. A. Nic Fhionghain, Whitewood, Assa. D. Mac Eachuinn, Forest River, No. Dakota. Domhnull Mac Laomuinn, Detroit Mich A. Domhnullach, Amhuinn a Bhradain, C. B. Eos. D. Mac Eachainn, Amhuinn a Bhradain 50c. Iain Gillios, Sydney. Tearlach Domhnullach. Malagawatch. C. F. Mac Ascuill, Loch Lomond. Aonghais Mac Fhearghais, (òg) Framboise. Iain R. Peutan, B. C. Marsh. N. D. Mac-a-Phi, Mabou Bheag. R. H. Mac Coinnich, Forks Sydney. Alasdair N. Domhnullach, Port Morien. Stephen P. Mac Neill, Cobh a Bheabheir. Bantrach Chalum Domhnullach, Fourchu. Donnachadh Mac Leoid, Baddeck Mhor. Donnachadh Moireastan, New Harris. Coinneach Mac Rath, Forks Shidni. Padruig Domhnullach, Gleann Ainslie. Iain Mac Gille-mhaoil, a mhèinn a Tuath. Aonghas Mac Ritchie, Baile nan Gall. Eoghan Mac Eachuinn, Rathad Frangach Ailein Mac Leoid, International Pier. Iain A. Domhnullach, Glengarry, 25c. Iain A. Camaran, Dundas, E. P. I., 25c. D. Mac Cuthaig, Abbotsford, B. C. Alasdair Mac Calamain, Orwell, F. P. I. Seumas M. Mac Leoid, Port Bevis. Fhuair sinn litir agus airgead o chuideigin a dhiochuimhnich ainm a chur rithe. Chaidh an litir a sgriobhadh ann an Trout Brook. Bu mhath leinn ge b’e co a sgriobh i ’ainm a chur ugainn chum ’s gu’m faigh e creideas air son an airgeid. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 190] [Vol. 7. No. 24. p. 6] A FRAMBOISE. Sneachd’ iteagach gle-gheal Bho ’na speuran teachd dluth oirnn; Clach mheallain ’s gaoth tuathach, Mar luaidhe ’s mar fhudar. Tha sinn a guidhe Bliadhna Mhath Ur do MHAC-TALLA ’s da leughadairean gu leir, ge b’e àit’ sam bheil an comhnuidh. Agus mar is minic a chuala mi e air a chantuinn—gu sonruichte aig an Nollag na aig a Bhliadhn’ Uir—mar so, an uair a bheirte balagum math as a bhotul dhuibh, “Mas a math a tha thu gum a seachd fearr a bhitheas tu,” agus their mi an fhirinn. Bhiodh na facail cheudna air an labhairt gu math tric ann a Framboise fein, ach gu h-araidh mu lathaichean na Nollag; agus cha ’n fhaod mì idir aicheadh nach d’ fhuair iad aobhar air a bhi air an cantuinn air a bhliadhna so fein. Ach tha mi ro-thoilichte e bhi agam ri radh, nach fhaca mise bho is cuimhne leam, cho beag de chuid ’s de dh’ uine nan gillean òga againn air a chaitheamh timchioll air a “bhotul dhubh” ’sa thachair air a bhliadhna so ’tha nis aig a ceann. Mar a tha fios agad tha Comunn Stuamachd againn air chois an so air a bhliadhna so; agus cha ’n ’eil teagamh idir ann nach ann troi thoradh a chomuinn so a tha ’n t-ana-caitheamh a b’ abhaist dhuinn anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh a bhi gu gorach a deanamh, cho mor a nise air a lughdachadh. Agus ged tha fuigheall bheag ann nach d’ fhuair sinn fhathast, tha sinn a creidsinn gu ’n aon iad ruinn ri tìde. Agus tha mi a creidsinn nan robh sinn uile gu leir cho glic ’s gu robh sinn air cuir paigheadh a “bhotuil dhuibh” ann an aobhar feumail sam bith eile, gu ’m biodh toradh sin againn an diugh ri fhaicinn—toradh nach faic sinn a chaoidh cho fad ’sa chaitheas sinn ar cuid airson air n-anamiannaibh a shasachadh. Nan robh sinn ga chur gu cuideachadh a bhochd san fheumaich, na gu sonruichte ga chur gus an soisgeul a chraobh-sgaoileadh a measg fhineacha dorch’ an domhain, bheiréadh e mach toradh ni b’ fhearr; a chionn gu bheil e soilleìr nach bu lughaid min na bantraich a bhreacag a thug i do ’n fhàidh. Thachair sgiorradh bathaidh muladach faisg air so air an naodhamh latha deug de ’n mhios so, leis an do chaill Calum Domhnullach agus a mhac Iain Ailein am beatha. Bha iad le bata fosgailte luchdaichte le gual air an turus dhachaidh gu Fourchie a Louisburg, agus ged bha ’n aimsir soirbh gu leoir an àm dhaibh fhagail, agus nach ’eil ach mu astar ochd mile deug eadar an da phort, dh’ fhas an t-side cho doirbh orra ’s nach robh e furasda do bhata fosgailte sam bith seasamh ann; ’s cha ’n eil teagamh sam bith nach do lionadh le uisge orra i, agus a chionn i bhi cho trom le gual chaidh i fodha air ball. Bha iad mu sheoladh leth uair bho ’n dachaidh. Chunnacas i mu àm dhi dol fodha, le daoine bho thir; agus a chionn gu ’n robh i faisg air cladach tha dochas againn gu ’m faod cuirp nan daoine bochda bhi air an cur gu tir. Tha co-fhaireachduinn an t-sluaigh aig a bhantraich agus aig an teaghlach, a tha nise caoidh fear pòsda agus mac dileas. Chaidh Seòras Bagnall, duin’ òg a mhuinntir an àite cheudna, a bhathadh bhar soitheach seolaidh eadar so is Halifacs, mu ’n aon àm a bhuail an soitheach air eilean Whitehead; ach shabhail an sgioba gu leir ach esan agus nighean a mhuinntir Louisburg, a bha air a turus dha ’n tigh-eiridinn a Halifacs. B’e an aon mhac bantraich e; agus tha i nise air a fagail ’na h-aonar. Bha e riamh dileas, agus ’na chul-taic da mhathair. Tha mi toilichte a dh’ innseadh dhuit gun d’ fhuaras cuirp na cloinne a bhathadh aig Grand River, air an tug thu iomradh anns an àireamh mu dheireadh, an deigh sireadh dichiollach shia laithean. Agus cha ’n ’eil teagamh, ged nach gabh an call gu brath a bhi air a leasachadh, nach dean am faotainn bròn nam pàrantan gu mor a lughdachadh. CEANN LIATH. Des. 28, ’98. LITIR. Sgriobhadh an litir a leanas gu ceann-suidhe Comunn Gailig Hamilton, le Mr. Friseal, an Toronto, air dha tilleadh bhar a chuairt do ’n t-seann dùthaich. Tha sinn ’ga cur an clo air iarrtus a chomuinn. Do ’m charaid ionmhuinn, Iain Mac Dhughail, ceannas Comuinn Gaidhlig Hamilton: A GHAIDHEAL FHIUGHAIL,—Tha mi a’ gabhail an cothrom so air m’ iomcorc, agus mo dheagh dhurachd a’ nochdadh dhuibh, ’s do ’n chomunn uasal air a bheil lamh stiuridh agaibh, air dhomh tighinn air m’ ais bho thir an fhraoich ’s a mhuirein, far an robh mi air chuairt ré an fhoghair. Tha mi ceart-cinnteach gu ’m bi sibh toilichte agus taingeil a chluinntinn gu bheil coir ar luchd-duthcha gu mor air a leasachadh o chionn beagan bhliadhnachan, gu h-araid coir nan croiteirean. Troimh ’n Ghaidhealtachd chunnaic mi soirbheachadh agus goireas nach b’ abhaist a bhi ri ’m faicinn; agus chunnaic mi mar an ceudna, aoidh agus sonas ’n an cois a bha ro-chiatach da rireadh. Aig Oban bha am Mod Gaidhealach air a chumail am bliadhna le mor chinneas, agus tha an obair mhath a’ dol air a h-aghairt gu reidh. Ann an Ionarnais, mar an ceudna, tha ’n Comunn Gaidhlig a cumail gu steidhichte, foghainteach, a’ deanamh obair a mhaireas anns na linntean ri teachd. Tha Gaidheil Toronto beò, slan, agus a’ cumail nan coinneamhan gach mios mar bu dual; agus tha mi ’n dochas gu bheil ar co-luchd-dùthcha ann am baile Hamilton a’ deanamh an ni ceudna. Ceud mile failte dhuibh; agus gu’m bi moran beannachd, ’us aigh, ’us soirbheachadh agaibh re na bliadhna ùir a tha tighinn oirnn. Bhur caraid dileas, gach la a chi ’s nach fhaic, ALASDAIR FRISEAL. Baile Toronto, Ont., an trieamh la deug do ’n Dudlachd, ochd ceud deug, ceithir fichead ’sa h-ochd-deug. DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. Am Feillire. IANUARAIDH, 1899. 1 DI-DONAICH La na Bliadhn’ Uire. 2 Di-luain Crunadh Tearlach II. 1651. 3 Di-mairt Bas an t-Seanalair Mone, 1670 4 Di-ciaduin 5 Dior-daoin An t-seann Nollaig. 6 Di-haoine La nan Tri Righrean 7 Di-satharna 8 DI-DONAICH Donaich nan Tri Righrean 9 Di-luain 10 Di-mairt 11 Di-ciaduin Bàs Mhic Mhic Alasdair, 1828 12 Dior-daoin 13 Di-haoine An fhéill Mhungo. 14 Di-satharna 15 DI-DONAICH (II) Donaich nan tri Righran 16 Di-luain Bàs Shir Iain Moore, 1809. 17 Di-mairt Là na h-Eaglaise-brice, 1745 18 Di-ciaduin Iompachadh an Abstoil Pòl 19 Dior-daoin 20 Di-haoine 21 Di-satharna 22 DI-DONAICH 3 Donaich nan Tri Righrean 23 Di-luain 24 Di-mairt 25 Di-ciaduin Breith Raibeart Burns, 1759 26 Dior-daoin 27 Di-haoine An fhéill Naile. 28 Di-satharna 29 Di-luain 4 Donaich nan Tri Righrean 30 Di-mairt 31 Di-ciaduin Bas Phrionnsa Tearlach 1788 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 7 F An Solus Ur, L. 11, U. 6, M. 36 F A’ Cheud Chairteal L. 18, U. 0, M. 22 F An Solus Lan, L. 26, U. 3, M. 20 F LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. AR STOC GEAMHRAIDH. SLEIGHEACHAN. Air an deanamh leis a Chanada Carriage Co. An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh. ACUINN. Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr BEIN. An “Saskatchewan Buffalo.” CLUIG agus CUIPICHEAN. Dhe gach seorsa. BRATAN-EACH. Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean. Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. THA EARBSA aig daoine ann am maidsichean Eddy—’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum. Tha ’n t-ainm so na urras air mathas. THE E. B. EDDY Co., Ltd., HULL, CANADA. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. [TD 191] [Vol. 7. No. 24. p. 7] CU-CHAORACH AMERICA MU DHEAS. Anns a’ cheàrn sin do dh’ America mu Dheas ris an abrar na Brazils, chìtear treud mhòr chaorach air am buachailleachadh le cù no dhà, na h-uiread do mhìltean o thigh ’s o dhuine. Tha e ’cuir iongantas air coigrich ciamar ’tha leithid so do chàirdeas air àrach eatorra. ’Nuair ’tha ’n cuilean fior òg, tha e air a thoirt air falbh o ’mhàthair, agus air a thogail maille ris na caoraich. Theid té dhiubh a ghlacadh trì no ceithir a dh’ uairean ’san latha, agus a cumail ris a’ chuilean gus an deòthail e i. Tha leabaidh chloimh air a dheanamh dha ’san fhang, agus cha leigear leis air choir sam bith cuideachd a ghleideadh ri coin eile, na eadhon ri cloinne an teaghlaich. Le bhi air oileanachadh air an dòigh so, cha’n eil déigh sam bith aige air an treud fhàgail; agus dìreach mar a dhìonas cù eile a mhaighstir an aghaidh nàmhaid, ceart mar sin dìonaidh na coin so na caoraich. Cha luaithe ’bheir iad an aire do neach tighinn dlùth air an treud na thòisicheas iad ri tathunnaich; agus cruinnichidh na caoraich nan deigh, mar is bitheanta a chunnacas iad a’ deanamh mu thimchioll an reìthe is sine ’nam measg. Tha e air ionnsachadh dhoibh, mar an ceudna, na caoraich a thional dhachaidh aig àm àraidh ’san fheasgar. Thig an cù so ’dh’ionnsuidh an tigh a h-uile latha a dh’ iarraidh béidh; agus cha luaithe ’gheibh e sin na shìabas e air falbh; mar gum biodh [?] nàire an treud a bha ’n [?] fada. Tha na [?] garg ris air na h-àmanna so, agus sìnidh an gasan as luatha dhiubh air; ach cha luaithe ’ruigeas e an treud na thionndanas e mu’n cuairt gu còmhraig, a’ tathunnaich gu dian—nì ’nuair a chì laorain na luatha, gabhaidh e’n ruaig, agus ’earball eadar a chasan. Tha mòran do choin-fhiadhaich ’san dùthaich so, ach cha’n eil a’ dhànadas aca oidheirp a thoirt air treud a bhios air am buachailleachadh leis na cìobairean so. B’ fheudar do Fhindlater, piobaire Dhargai, càin £160 a phàigheadh do nighinn d’ an d’ thug e gealladh-pòsaidh. Tha i sin a nise an deigh fear eile phòsadh—figheadair Sasunnach. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 192] [Vol. 7. No. 24. p. 8] Allt-an-t-siucair. LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR. FONN.—“The lass of Patie’s mill.” A’ dol thar Allt-an-t-siùcair Am madainn chùbhraidh chéit, A’s paidirein geal dlùth-chneap, De ’n driùchd ghorm air an fhéur; Bha Richard ’s Robin bhù-dhearg Ri seinn, ’s fear dhiùbh ’n a bhéus, ’S goic-mhoit air cuthaig chùl-ghuirm, ’S gug-gùg aic’ air a’ ghéig. Bha ’n smeòrach cur nan smùid dh’ i, Air bacan-cùil leath’ fhéin, An dreathan-donn gu sùrdail, ’S a rifeid-chiùil ’n a bhéul; Am bricein-beithe ’s lùb air, ’S e gléusadh lùth a théud, An coileach-dubh ri dùrdan, ’S a chearc ri tùchan réidh. Na bric ag gearradh shùrdag, Ri plubraich dhlùth le chéil’, Taobh-léumraich mear le lùth-chleas, A bùrn le mùirn ri gréin; Ri ceapadh chuileag siùbhlach, Le m’ bristeadh lùthmhor fhéin, Druim lann-ghorm, ’s ball-bhreac giùran, ’S an lannair-chùil mar léig. Mil-dheogladh sheillein srianach, Le crònan ’s fiata srann, Nan dìthein baglach, riabhach, Mu d’ bhlàithean grianach chrann; Stràibh-dhriùchdain dhonna, thiachdaidh, Fo shinean cìochan d’ fheòir, Gun ’thiochd-an-tìr no ’bhiadh ac’, Ach fàileadh ciatach ròs. Gur milis, brisg-gheal, bùrn-ghlan, Meall-chùirneineach ’s bìnn fuaim, Bras-shruthain Allt-an-t-siùcair, Ri torman siùbhlach, luath; Gach biolair’, ’s luibh le ’n ùr-ròis Ag cìnntinn dlùth mu ’bhruaich; ’S e toirt dhaibh bhuadhan sùghmhor, ’G an sùgh-bheath’chadh mu ’n cuairt. Bùrn tana, glan, gun ruadhan, Gun deathaich, ruaim, no ceò, Bheir anam fàis a’s gluasaid D’ a chluaineagan mu bhòrd; Gaoir bheachan buidhe ’s ruadha, Ri diogladh chluaran-òir, ’S cìr-mheala ’g a cur suas leo ’N céir-chuachagan ’n an stòir. Gur sòlas an ceòl-cluaise, Ard-bhàirich buair mu d’ chrò; Laoigh chean fhionn, bhreac, a’s ruadha, Ri freagradh nuallan bhò; A’ bhanarach le buaraich, ’S am buachaill’ dol ’n an còir, Gu bleoghann a’ chruidh ghuaill fhinn Air cuaich a thogas cròic. Bidh lòchrain-mheala lùbadh Nan sràbh, ’s brù air gach géig, De mheasan milis cùbhraidh Nan ùbhlan a’s nam péur; Na duilleagan a’ liùgadh A’s fallus-cùil diubh fhéin, A’s clann ag gabhail tùchaidh ’G an imlich dlùth le ’m béul. B’ e crònan d’ easan srùlach An dùrdail mhùirneach mhàidh, ’S do bhoirchean daite, sgùm-gheal Tiugh, flùireineich, dlùth, tlàth; Le d’ mhanntul de dhealt ùr-mhìn Mar dhùbhradh-cùil mu d’ bhlàth, ’S air calg gach feòirnean d’ùr-fheòir Gorm neamhainn dhriùchd a’ fàs. Do bhrat làn shradag-daoimean Do bhraon ni soills’ air làr, An carpet ’s gasda foidhneal Gun a cho fine ’n Whitehall; Mu d’ bhearradh gorm-bhreac, coillteach An cinn an loinn le àl, Na sóbhraichean mar choinnlean ’N an coinnleirean ad sgàth, Bidh guileag eala ’tùchan ’S eòin-bhùchuinn am bàrr thonn, Aig ionbhar Allt-an-t-siùcair Snàmh lùth-chleasach le fonn; Ri seinn gu moiteil cùirteil, Le muineil-chiùil ’s iad crom, Mar mhàla pioba ’s lùb air Ceòl aoifidh, ciùin, nach trom. ’S grìnn an obair-ghràbhail Rinn Nàdur air do bhruaich, Le d’ lurachain creamhach, fàsmhor ’S am buicein bàn orr’ shuas; Gach saimir, neòinein, ’s màsag Mìn-bhreac air làr do chluain, Mar réultan-reòt’ an deàrrsadh Na spangan àluinn nuadh. Bidh croinn ’s am bàrr mar sgàrlaid De chaoraibh àluinn ann A’s cnothan bachlach, àrbhuidh, A’ faoisgneadh àrd mu d’ cheann; Bidh dearcan, ’s suibhean sughmhor, Trom-lubadh an luis fhéin, Caoin, seacaidh, blasda, cubhraidh— Ag call an druis ri gréin. ’S co làn mo lios ri Pàrras De gach cnuas is fheàrr an coill’, ’N a réidhlich, arbhar fàsaidh, Bheir piseach àrd a’s sgoinn; Pòr reachdmhor, minear, fàsmhor, Nach cìnn gu fàs ’n a laoim,— Cho reamhar, luchdmhor càileachd ’S gu’n sgàin a ghràn bho dhruim. Do thachdar mara ’s tìre Bu tiochd-an-tìr leis fhéin, ’N an tréudan féidh ad fhrìthean ’S ad chladach, ’s mìlteach éisg; ’N ad thràigh tha maorach lìonmhor, ’S air d’ uigse ’s fìor-bhras léus, Aig òganacha rimheach. Le morghath fior-chruaidh, géur. Gur h-urail, sliochdmhor, cuanta Greigh each air d’ fhuarain ghorm, Le ’n ìotadh tarrainn suas riut Le cluinntinn nuall do thoirm; Bidh buicein binneach ’s ruadhag ’S minn mheanbh-bhreac, chluas-dearg, òg, Ri h-ionaltradh gu h-uaigneach, ’S ri ruideis luath, mu d’ lòn. Gur damhach, aghach, laoghach, Mangach, maoiseach, d’ fhonn, Do ghlìnn le seilg air laomadh Do gharbhlach-chraobh, ’s do lom; Gur h-àluinn barrfhionn, braonach Do chanach caoin-gheal thom, ’N a mhaibeinean caoin, maoth-mhìn— ’N ad mhòintich sgaoth chearc donn. B’e sid an sealladh éibhinn Do bhruachan glé-dhearg ròs, ’S iad daite le gath gréine Mar bhoisgnich léug-bhuidh’ òir; B’ e sid an geiltreadh glé-ghrinn Cìnn dhéideag am measg feòir, De bharran luibhean céutach— ’S fuaim bhìnn aig téud gach eòin. O, lilidh, righ nam fluran! Thug bàrr-mais’ air ur-ròs ghéug, N a bhabaidean cruinn, plur-mhìn ’S a chrun geal, ur mar ghréin; Do ’n uisg’ ud, Allt-an-t-siucair Is cubhrainn da bho bhéud, ’N a rionnagan mu ’lubaibh Mar réultan-iuil nan spéur. (Ri leantuinn.) AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 193] [Vol. 7. No. 25. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 13, 1899. No. 25. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. IX MORAG US MAIREAG. An uair a dh’ fhalbh Seumas thuirt Domhull ris fhein, “Cha ’n ’eil math dhomh gun feuchainn ris an nighinn a chur an luib Sheumais. Ach bu cheart cho math leam obair eile a ghabhail as làimh. So na bheil agam air son a bhith ’falbh ’na chuideachd o chionn chóig bliadhna. Dunaigh air an olc, cha ’n ’eil fhios agam cia mar a thòisicheas mi ri bruidhinn rithe.” Chuir Domhull e fhein ann an òrdugh cho math ’s a ghabhadh deanamh, agus dh’ fhalbh e air a shocair fhein do thaigh na bainnse. Bha am pòsadh seachad mu ’n d’ ràinig e; oir, aig an àm ud, cha bhiodh aig a’ phòsadh ach beagan dhe na dlùth chàirdean. Bha bòrd na bainnse air a chur an òrdugh anns an t-sabhal, agus bha e ruighinn o cheann gu ceann dheth. Bha h-uile duine, ach na càirdean nach gabhadh oilbheum ged nach [?] iad aig an aon bhòrd ri sgiobadh na bainnse, air an cur ’nan suidhe aig a’ bhòrd, agus bha sgiobadh na bainnse aig a’ cheann shuas dheth. Bha pailteas bìdh dhe gach seòrsa air a’ bhòrd; agus cha b’ i an deoch dad bu ghainne. Ghabh iad uile an diol dhe gach ni a b’ fhearr na cheile a bh’ air a’ bhòrd, agus cha robh cabhag orra gu eirigh naithe. Mu dheireadh an uair a bha gach duine làn shàsaichte thogadh na bùird air falbh, agus chuireadh an sabhal air dòigh air son tòiseachadh ri dannsa. Bha pìobaire agus fìdhlear aca, agus cha robh cion ciùil no dannsa air neach sam bith a thogradh a dhol thun an ùrlair. Ged a bha Domhull òg diùid gu leòr am measg nan nigheanan an uair a bhiodh e air chéilidh, bha e glé dhéidheil air an dannsa, gu h-àraidh an uair a dh’ òladh e glaine no dhà de stuth na Tòiseachd, mar a rinn e an oidhche ud. Mar a thuirt am bàrd mu ’n uisge bheatha:— “Mo ghaol an lasgaire spraiceil, Fear nan gorm-shuilean maiseach, ’Chuireadh fonn fo na macaibh ’Nuair a thachradh iad ris: ’Nuair a chruinnicheadh a’ chòisir, Cha b’ i ’chuilm gun a comhradh; Gheibhteadh rainn agus òran Is iomadh stòridh ’nam measg: Gille beadarrach, sùgach, Tha ’na chleasaiche lùghar, ’S ro mhath ’bhreabadh an t-ùrlar, Agus tionndadh gu briosg: ’S e dhannsadh gu h-uallach, Gu h-ancaideach, guanach; Gun sealltainn air truailleachd, Ach uaisl’ agus meas.” Bha ’chuid fhein gu math pailt aig Domhull dhe ’n dannsa mu ’n do ghairm an coileach; agus mar bu trice b’ ann comhladh ri Mòraig ’s ri Màireig a bhiodh e ’dannsa. Feumar aideachadh gu ’n robh e uair is uair gun fhios aige gu ro mhath co ’n té dhe ’n dithis a bha dannsa comhladh ris; oir, mar a dh’ ainmich mi mar tha, bha iad anabarrach coltach ri chéile, ’nan cruth, ’nan coltas, agus ’nan cainnt. A h-uile uair a bhiodh Domhull ag éirigh a dheanamh ruidhle, theireadh e ris fhein, ‘An uair a sguireas an ruidhle so faighneachdaidh mi de Mhòraig, am bheil i deònach Seumas a phosadh.’ Ach an uair a shuidheadh e ri ’taobh, thréigeadh a mhisneach e, agus cha ’n abradh e guth rithe mu ’n chùis. Mu dheireadh an uair a bha e ’faicinn gu ’n robh an ùine ’dol seachad gu luath, chuir e roimhe gu ’n cuireadh e an gnothach an darna taobh gun tuilleadh dàlach. Gus beagan brosnachaidh a thoirt dh’ a mhisnich dh’ òl e beagan eile de mhac na braiche. Bha e fhein ’s Màireag ’nan suidhe taobh ri taobh ann an oisinn an t-seòmair, agus bha e ’n dùil gur i Mòrag a bha ri ’thaobh. Cha togadh e a shùil bhar an ùrlair ged a gheibheadh e duais, agus idir cha robh e comasach air facal comhraidh a dheanamh ris an nighinn. Mu dheireadh thuirt i ris, ‘Nach tu ’tha samhach? Cha chreid mi nach do chaill thu do bhruidhinn buileach glan. Thug an ruidhle mu dheireadh do lùths asad, tha eagal orm.’ ‘Tha gu leòr agam ri ràdh nam faighinn am mach e. Tha rudeiginn agam ri ràdh riutsa.’ ‘Nach abair thu e, ma tha. Cha ’n ’eil thu cho aineolach ormsa ’s gu ’n ruig thu leas faiteachas a bhith ort rud sam bith a ràdh rium.’ An uair a thuirt Màireag so, dh’ fhàs a h-aodann glé dhearg, agus bha i ’sìor chumail a sùil air Domhull. Ach cha robh Domhull a’ togail a shùl bhar an ùrlair, agus cha mhò a bha diog a’ tighinn as a cheann. Mu dheireadh thuirt e, ‘Nan tigeadh an aon fhear a’s fhearr ’san dùthaich g’ ad iarraidh ri d’ phòsadh, an gabhadh tu e? ‘Is mi ’ghabhadh, agus b’ fhearr leam gu ’n tigeadh e.’ ‘Thig e gun teagamh. Thuirt e riumsa nach robh ’ga chumail gun tighinn ach fios fhaotainn an gabhadh tu e.’ An uair a chuala Màireag so dh’ fhàs a h-aodann na bu deirge na bha e riamh. ‘Am bheil fhios agad cò am fear a’s fhearr a th’ anns an dùthaich?’ ‘Tha fhios agam cò am fear a b’ fhearr leam a th’ anns an dùthaich; ach o’n a dh’ innis thusa dhomh gu ’n robh e gu tighinn g’ am iarraidh, innis a nis dhomh cò e.’ ’Nach e Seumas bàn am fear a’s fhearr a th’ anns an dùthaich?’ ‘Cha ’n abair mi gur e no nach e gus an cuir mi ceisd no dhà ort. Am bheil thu ’smaointean gu ’n innis Seumas bàn an fhìrinn? An creideadh tu gu ’n innseadh e breug dhomhsa na dhut fhein?’ ‘Cha chreidinn o dhuine a chunnaic mi riamh gu ’n innseadh e breug do neach sam bith; agus tha mi làn chinnteach nach d’ innis e breug riamh dhutsa.’ ‘Thuirt e riumsa iomadh uair gur tu fhein an aon fhear a’s fhearr ’san dùthaich, agus ma thig am fear a’s fhearr ’s an dùthaich g’ am iarraidh-sa, gabhaidh mi e gu toileach; ach cha ghabh mi Seumas idir. Thuirt e rium iomadh uair gur tusa an aon fhear a’s fhearr ’s an dùthaich.’ Sheall Domhull is Màireag air a chéile ann an clàr an aodainn, agus na smaointeanan nach b’ urrainn daibh innseadh dha chéile ann an cainnt, dh’ innis iad dha chéile iad le sealladh an sùl. Bha ’n latha geal ann mu ’n do sgaoil cuideachd na bainnse, agus chaidh Domhull dhachaidh le Màireig. Ge b’ e comhradh a bh’ eatorra, tha e an an-fhios dhomhsa. Cha robh Domhull aon chuid toilichte no mi-thoilichte leis na thachair an oidhch’ ud. Bha fhios aige fada roimhe sid gu ’n robh gaol aige air Màireig; ach o’n a bha Seumas, a réir a bharail-san, ann an trom ghaol oirre mar an ceudna, cha robh e air son cur eatorra. Ach a nis bha ’n gnothach air a chur gu buileach an dara taobh. Dh’ aidich Màireag dha gu follaiseach gur e fhein a b’ fhearr leatha na Seumas; agus a bharrachd air sin, leig i ris dha nach gabhadh i Seumas am muigh no ’mach. Bha e ann an staing a bha anabarrach mòr. Bha eagal air gu ’n saoileadh Seumas gur ann leis na caran a thug e Màireag uaithe. O’n a bha ’chùis mar so chuir e roimhe nach rachadh e far an robh Seumas idir. A dh’ aon fhacal, cha leigeadh an nàire leis a dhol far an robh Seumas. Bha Seumas a’ gabhail fadachd gu leòr nach robh Domhull a’ dol far an robh e. Beagan an déigh mheadhain latha, an uair a bha e an déigh ceud fadachd a ghabhail nach robh Domhull ’ga ruighinn, dh’ fhalbh e far an robh Domhull. ‘Nach ciatach an duine thusa,’ ars’ esan, ‘an uair nach deachaidh tu far an robh mise le fios cia mar a chaidh cùisean leat an raoir. Cha saoilinn gur tu ’dheanamh orm e. An d’ rinn thu mar a dh’ iarr mi ort?’ ‘Bhruidhinn mise ris an nighinn gun teagamh sam bith; ach ma bhruidhinn, cha b’ fheairrde tusa sin dad. Thuirt i rium nach gabhadh i gnothach riut. Agus a bharrachd air sin, thuig mi oirre gur e mi-fhìn bu docha leatha, agus gur mi an aon fhear a phòsadh i, nam pòsadh i gu bràth.’ An uair a chuala Seumas so stad an dà shùil shuas aige. Ged a chuirteadh sgian ann cha tigeadh boinne fala as. Dh’ éirich e ’na sheasamh, agus thòisich e ri stàireachd air an urlar. Cha robh facal a’ tighinn as a cheann; oir cha robh fhios aige ciod a theireadh e. O’n a bha e fhein is Domhull ’nan dlùth chompanaich o’n a b’ àirde iad na ’ghlùin, cha robh e furasda leis a chreidsinn gu ’n tugadh Domhull an car as. Ach bha ’n gnothach coltach gu ’n do mheall Domhull air an déigh a h-uile rud. Cha robh Domhull ag ràdh guth. Bha amhrus làidir aige gu ’n robh Seumas ann an gruaim ro mhòr ris. Agus anns an àm bha làn a chridhe dh’ aithreachas air a chionn gu ’n do ghabh e as laimh aon fhacal a ràdh ris an nighinn. An uair a bha Seumas greis mhath a’ stàireachd air an ùrlar, sheas e agus thuirt e ri Domhull, ‘An déigh a h-uile rud is gann a chreideas mi gu ’n tugadh tu an car asam. Ach nam b’ e fear eile a dheanadh orm mar a rinn thu, phronnain ’na chraicionn e anns an t-seasamh bonn. Ach cha bu chòir dhomh a bhith ’cur coire sam bith ort. Tha ’choire gu leir mu m’ cheann fhein. Is fhad o’n a chuala mi gur e an duine glic an duine nach earbadh a ghnothach ri duine sam bith eile nam b’ urrainn e fhein idir a dheanamh. Cha deanar duine glic ach air a chosg fhein. Faodaidh mise a ràdh mar a thuirt am bàrd:— [TD 194] [Vol. 7. No. 25. p. 2] Gur tric a bha saill air sean each, Agus puinnsean ann an glaine; ’S amhuil sin is gaol mo leannain, Mar chop geal air bharaibh nan sruth: Tha thu suarach umam an diugh; Ged bha uair bu toigh leat mo ghuth; Tha thu suarach umam an diugh. Cha ’n ’eil e furasda nigheannan an latha ’n diugh a thuigsinn. Ach mu ’m bi mise mòran na ’s sinne na tha mi, bidh fhios agam ciod a thug air Mòraig cùl a chur rium.’ An uair a thuirt Seumas so, thug e an dorus air, agus ghabh e dìreach far an robh Mòrag. Thachair i ris faisge air taigh a h-athar, agus an uair a choinnich iad a chéile, bha aoidh is tlachd air a gnùis mar a b’ àbhaist. Ach an uair a chunnaic i gu ’n robh coltas gruamach air Seumas, dh’ aithnich i gu ’n robh ni eiginn neo-ghnàthach a’ cur dragh air. “Is ann a tha d’ aghaidh an diugh coltach ri aghaidh fir a bhiodh an déigh leannan a chall,” ars’ ise. “Ma chaill mise mo leannan a Mhòrag, is ann agadsa tha choire. Is beag a shaoilinn gu ’n deanadh tu orm mar a rinn thu. Ged nach do chuir mise tairgse pòsaidh mu d’ choinneamh mi fhìn, dh’ earb mi ’chùis ri Domhull òg an raoir; agus cha robh agam air a shon sin ach gu ’n do dhiùlt thu mi, agus gu ’n do roghainnich thu esan. Na ’n robh thu air fear sam bith eile a roghainneachadh, bhithinn anabarrach diumbach dhiot; ach o nach d’ fhuair mi fhìn greim ort, is ann aigesan is fhearr leam thu bhith.” Dh’ aithnich Mòrag gu ’n robh inntinn Sheumais glé mhòr troimhe a chéile; agus ged a bha toil aice cùisean a chumail ann an duathar air beagan na b’ fhaide, bha eagal oirre gu ’n sàraicheadh i fhoighdinn ro mhòr. Ach thuirt i ris, “Cha chreid mi fhìn gu ’m bheil thu agad fhein. Cha dubhairt Domhull dà fhacal riumsa fad na h-oidhche an raoir. Ma ’s e sin fhein e, cha d’ thug e dhomh ach dà ruidhle dhannsa fad na h-oidhche. Is gann a dhealaich e ri Màireig fad na h-oidhche. Cha duirt mi nach do chuir e tairgse pòsaidh mu choinneamh Màireig na d’ ainmsa. Greis mu ’n do sgaoil a’ bhanais bha e fhein is Màireag gu dlùth a diùiris anns an oisinn bu duiriche dhe ’n t-sabhal.” “Tha thu cinnteach, leis a sin, nach do gheall thu Domhull a phòsadh?” “Cha do gheall; bu duilich dhomh ’s nach d’ iarr e mi. Agus ged a dh’ iarradh, cha ’n ’eil mi ’g ràdh gu ’n gabhainn e.” “Am gabh thu mise, ma ta? Freagair mi gun dol an null no ’n nall.” Dh’ fhàs aodann Mòraig gu math na bu ruightiche na bha e roimhe, agus gu beag thuirt i, “Gabhaidh.” (Ri leantuinn.) Is ann air daoine glice is fhearr a fhreagras eud, ach is ann ’s na h-amadain a gheibhear eun gun eòlas. SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XIV. “B’ e a’ cheud bhean uasal a chaidh gu beag-narach do ’n taigh agad, mo nighean bu shinne. Bha i posda ann an Cairo ri mhac mo bhrathar. An uair a dh’ eug esan thainig ise dhachaidh, agus a h-inntinn air a truailleadh leis gach seorsa aingidheachd a chunnaic agus a dh’ fhoghlum i anns an Eiphit. Mu ’n do thill ise dhachaidh, bha a piuthar a b’ oige—an te a fhuair am bas muladach ann ad’ lamhan-sa—’na boirionnach og cho glic ’s cho banail ’s cho beusach ’s a bha ’n aite sam bith. Ach thug comunn a peathar bu shinne oirre tighinn gus a bhith mu dheireadh cho aingidh ri te sam bith. “An latha ’n deigh bas na te a b’ oige, an uair a chunnaic mi nach robh i aig a’ bhord, dh’ fheoraich mi dhe piuthair bu shinne, c’ aite an robh i; ach an aite freagairt a thoirt dhomh, is ann a thoisich i ri sileadh nan deur ’s ri caoidh gu goirt. Thug so orm a smaoineachadh gu ’n d’ eirich rud eiginn dhi a thug am bas dhi. Ach an uair a ghuidh mi oirre an fhirinn innseadh dhomh, thuirt i, agus i ’gul gu goirt, “athair, cha ’n ’eil agamsa ri innseadh dhuibh ach gu ’n do chuir mo phiuthar uimpe an trusgan a b’ fhearr a bh’ aice, agus am bann-muineil sheudan, agus gu ’n d’ fhalbh i mach air feadh a’ bhaile feasgar an de, agus nach cualas guth oirre fhathast.’” Rinn mi rannsachadh gu leor air a son air feadh a’ bhaile, ach cha d’fhuair mi forofhais sam bith m’ a deidhinn, no ciod a dh’ eirich dhi. Aig a’ cheart am ghabh mo nighean bu shinne an t-aithreachas air son an uilc a rinn i, agus ghabh i a’ chuis gu cridhe cho mor ’s nach robh i stad a latha no dh’ oidhche de ghul ’s de chaoidh a peathar. Mu dheireadh chuir i gu buileach cul ris gach seorsa bidh, agus mar so chuir i crioch air a beatha fhein. So staid moran de shluagh an t-saoghail! Tha iomadh mi-fhortan dhe ’n t-seorsa so a’ tighinn gu tric ’nan rathad. “Ach air a shon sin, a mhic,” ars’ esan, “o’n a thainig mi-fhortan oirnn le cheile, is e tarruinn na ’s dluith ri cheile na bha sinn riamh a’s fhearr dhuinn air a h-uile doigh. Tha aon nighean agam fhathast beo, agus gheibh thu ri ’posadh i. Tha i na ’s oige na ’n dithis eile, agus tha i gle neo-choltach riutha anns gach doigh. A bharrachd air so, tha i na ’s maisiche na bha iadsan, agus tha mi cinnteach gu ’m bi sibh gle thoilichte le cheile. Bidh sibh a’ fuireach anns an aon taigh rium fhein, agus ni mi dileabaich dhibh air gach ni a th’agam ris an t-saoghal.” “Tha naire orm,” arsa mise, “air son a liuthad fabhar a tha sibh air dheanamh rium; cha ’n urrainn domh bhur paigheadh gu brath.” “Na bi ag radh tuilleadh m’ a dheidhinn sin,” ars’ esan, “na biomaid a’ cur seachad na h-uine le cainnt gun fheum.” An uair a thuirt e so, chuir e fios air fianuisean, agus dh’ ordaich e cumhnantan a’ phosaidh a bhith air an sgriobhadh sios gun dail. Rinneadh so, agus phos mise nighean am feasgar sin fhein. Cha robh e riaraichte leis na rinn e de pheanas air an or-cheard a thog fianuis breige ’nam aghaidh-sa; agus gus an tuilleadh peanais a dheanamh air, thug e uaithe a h-uile ni a bh’aige ris an t-saoghal—agus cha bu bheag sin—agus thug e dhomhsa e. Tha fhios agad fhein gu ’m bheil meas mor aca orm ann an taigh an Uachdaran; oir chunnaic tu gu soilleir e. Feumaidh mi innseadh dhut gu’n do chuir braithrean m’ athar duine a dh’ aon ghnothach air mo thoir gu ruige an Eiphit, agus an uair a bha e tilleadh air ais fhuair e am mach gu ’n robh mi anns a’ bhaile so, agus thug e dhomh litir a chuir iad ’g am ionnsuidh. Dh’ innis iad dhomh gu ’n d’ fhuair m’ athar bas; agus tha iad ag iarraidh orm tilleadh gu ruige Mosul gus seilbh a ghabhail air gach ni a dh’ fhag m’ athair. Ach o nach fhaod mise falbh as a’ bhaile so, chuir mi fios g’ an ionnsuidh curam a ghabhail dhe gach ni a bhuineadh dhomh, agus a ghleidheadh gu math dhomh. “An deigh na dh’ innis mi dhut tha mi ’n dochas gu ’n toir thu mathanas dhomh air son nach tug mi mo lamh dheas dhut an uair a bha mi tinn.” “So, ma ta,” ars’ an doctair Iudhach, “an naigheachd a chuala mise o ’n duine og a thainig a Mosul. Bha mi ’fuireach ann an Damascus fhad ’s a bha ’n t-Uachdaran beo. An deigh a bhais, o ’n a bha mi ’nam lan neart, agus toil agam am barrachd dhe ’n t-saoghal fhaicinn, chaidh mi gu ruige Persia agus na h-Innsibh; agus mu dheireadh thainig mi do’n bhaile so.” Bha righ Chasgair gle thoilichte. “Feumaidh mi a radh,” ars’ esan ris an doctair Iudhach, “gu ’n robh an naigheachd a dh’ innis thu dhomh gle iongantach; ach tha mi ag aideachadh gu saor nach ’eil i aon chuid cho eibhinn no cho iongantach ri naigheachd an amadain chrotaich. Agus mar sin, na biodh duil agadsa gu ’m faigh thu leat do bheatha na ’s mo na gheibh cach. Crochaidh mi sibh ’nur ceathrar. “Le ’r cead, a righ, tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh dail bheag a dheanamh,” ars’ an taillear, agus e ’g a thilgeadh fhein air an lar aig casan an righ; “o’n a tha tlachd agaibh ann an naigheachdan eibhinn, tha naigheachd agamsa a chordas ribh gle mhath.” “Eisdidh mi riut,” ars’ an righ “ach na bi ’smaointean gu ’m faigh thu leat do bheatha mur bi do naigheachd na ’s eibhinne agus na ’s iongantaiche na naigheachd an amadan chrotaich.” An uair a chuala an taillear so thoisich e gun fhiamh gun eagal ri innseadh a naigheachd mar a leanas:— “Fhuair mi cuireadh o chionn dà latha o fhear de mhuinntir a’ bhaile gus a dhol gu cuirm a bha e’ toirt dha chairdean ’s a’ mhadainn an de. Dh’ fhalbh mi gu math trath, agus an uair a rainig mi bha sinn ann mu fhichead pearsa. “Thachair gu’n robh fear an taighe air a dhol am mach air cheann gnothaich an uair a rainig mi, ach ann an uine ghoirid thainig e air ais, agus bha duine og maiseach, ann an deadh eideadh comhladh ris; ach bha e crubach. An uair a thainig e steach, dh’ eirich sinn uile ’nar seasamh mar urram dhasan agus a dh’fhear an taighe, agus dh’ iarr sinn airsan suidhe comhladh ruinn. An uair a bha e dol a shuidhe thug e an aire gu ’n robh borobair anns a’ chuideachd. Ghrad thug e aghaidh air an dorus cho luath ’s a b’ urrainn e. An uair a chunnaic fear an taighe mar a rinn e, chuir e stad air, agus thuirt e, “C’ aite am bheil thu ’dol? Thug mise an so thu gus do chuid dhe ’n chuirm a ghabhail comhladh ri mo chairdean, agus cha luaithe a thainig thu do m’ thaigh na tha thu ’dol a ruith air falbh gun abadh gun aobhar.” “Air sgath ni math na cuir stad orm—leig leam falbh,” ars’ an duine og. “Cha ’n ’eil e ’n comas dhomh amharc gun oillt air a’ bhorobair ghraineil ud. Is ann a tha e coltach ri Etiopianach, ged a rugadh e ann an duthaich anns am bheil na daoine geal, agus tha ’anam a cheart cho dubh ri aghaidh.” Ghabh sinn uile ioghnadh an uair a chuala sinn an droch bharail a bh’ aig an duine og air a’ bhorobair, agus sinn gun fhios againn ciod an t-aobhar a bh’ aig air a shon. A bharrachd air so, thuirt sinn nach fhanamaid ann an cuideachd duine air an robh a leithid de dhroch theisteanas. Ghuidh fear an taighe air an duine og, gu ’n innseadh e dha an t-aobhar air son an robh fuath aige do ’n bhorobair. “A dhaoine uaisle,” ars’ esan, “biodh fhios agaibh gur e am borobair mollaichte so bu choireach ri mise bhith crubach. Air a shon so thug mi mionnan gu’n seachnainn a h-uile aite anns am bitheadh e, agus nach fhanainn anns an aon bhaile ris. B’ ann air a shon sin a dh’ fhalbh mi a Bagdad, far an robh esan ’san am, agus a thainig mi dh’ fhuireach do ’n bhaile so, aite anns an robh mi ’toirt orm fhein a chreidsinn nach tachradh e rium gu brath; ach a nis an deigh a h-uile car, tha e ann an so romham. Is e so a tha ’toirt orm falbh an aghaidh mo thoile as bhur measg. An diugh fhein falbhaidh mi as a’ bhaile agus theid mi, ma ’s urrainn mi, do dh’ aite-eiginn anns nach fhaigh e mi.” An uair a thuirt e so chuir e roimhe falbh, ach cha leigeadh fear an taighe leis. Ghuidh e air gu ’n innseadh e dhuinn an t-aobhar air son an robh grain aige air a’ bhorobair. Bha am borobair ’na thosd, agus a shuil air an lar fad na h-uine. [TD 195] [Vol. 7. No. 25. p. 3] Ghuidh sinn uile air fuireach; agus, mu dheireadh, dheonaich e fuireach. Shuidh e comhladh ruinn; agus an uair a thionndaidh e a chulaobh ris a’ bhorobair, dh’ innis e dhuinn a naigheachd mar a leanas:— Bha m’ athair ’na dhuine a bha airidh air an aite cho ard ’s cho urramach ’s a’ bh’ anns a’ bhaile; ach b’ fhearr leis a bheatha chaitheamh gu socrach samhach na bith anns an t-suidheachadh urramach air an robh e airidh. Cha robh de shliochd aige ach mise, agus mu ’n do dh’ eug e bha mise lan fhoghluimte, agus comasach gu leor air an aire thabhairt do ’n t-saoibhreas mhor a dh’ fhag e agam. Agus cha d’ rinn mi mi-bhuil ann an doigh sam bith dhe na dh’ fhagadh agam; ach ghnathaich mi e air a leithid de dhoigh ’s gu ’n robh meas aig gach neach orm. (Ri leantuinn.) TOBAR PHARUIG, EILEIN THIRI. Chaidh an sgrìobhadair a’ cheud uair do dh’ Eilean Thirì maille ri searmonaiche eile, a’ bhliadhna ochd-ceud-deug ’s a seachd-deug, anns an fhogharadh. Chaidh iad aon latha a ghabhail beagan seallaidh; agus b’e aon ni a chaidh iad a dh’fhaicinn, làrach tighe ’tha taobh na mara, ris an abair iad Teampull Phàruig, aig a’ bheil cuid do na ballachan a suas. Làimh ris tha toll domhain ann an creig, air chumadh poite, a chumas pailte tri-fichead pinnt Albannach, ris an abair iad Tobar Phàruig. Dh’ innis an duine ’bha leinn (’s cha b’ ann do mhuinntir an eilean e; ’s ann a chaidh e ann á Lathurn, ’s tha e ’n sin fathast)—dh’ innis e dhuinn, nam biodh an tobar sin air a thaomadh, gu ’n sileadh an t-uisge air ball as na spéuraibh, ciod air bith co mòr ’s a bhiodh an turadh roimhe sin. Chuir sinn an neo-bhrìgh a leithid so do shaobhalachd, ag ràdh, “An saoil thu, nam biodh e air a thiormachadh a nis, an sileadh e?” Thubhairt e nach robh e cinnteach; oir gu ’n do thiormaicheadh e aon uair air là na Sàbaid, le feadhainn aig an robh an càirdean ann an Eirinn, agus air an cumail o thighinn dachaidh leis a’ ghaoith a bhi ’nan aghaidh, a dh’ fheuchainn an tugadh so a’ ghaoth mu ’n cuairt freagarach gu’n toirt do Thiri; air chor ’s gu ’n robh a nis teagamh an do lean a’ bhuaidh a b’ àbhaist a bhi aige ris, ri linn a thiormachadh. “Nam biodh agamsa soitheach, thiormaichinn e ’san uair.” “Cuir dhiot do bhròg,” ars’ mo chompanach, ‘agus taom a leth, agus taomaidh mise an leth eile.” Chaidh so a dheanamh, agus thòisich mi air gu grunndail. Ghabh mo chompanach car mu ’n cuairt, fhad ’s a bhithinnsa ri m’ leth féin. Thubhairt an duine ’bha leinn, “Cha bhi làmh agam anns a’ ghnothuch; biodh a’ pheacadh air do cheann féin.” “Nach faoin thu!—an saoil thu ’m bheil peacadh anns an uisge a thaomadh as an toll so?” “Am bheil thu da rireadh ’dol ’ga thiormachadh?” “Tha, a cheart da rìrradh.” “Agus an ann am magaireachd a tha thu?” “Cha ’n ann, ach a dh’fhaicinn meudachd an tuill.” “An saoil thu nach peacach dhuit an t-uisge ’thoirt air feur a’s arbhar a tha sgaoilte?” “Oinseach dhuine! an saoil thu an toir so uisge, ach mar a bha e roimhe ’s na dhéigh?” “Chi thusa, ma nì thu e, nach urrainn thu seasamh mach a shearmonachadh air an fheasgar so.” “Biodh foighidinn agadsa, agus chì thu mar a bhios sin.” “Tha mi faicinn,” ars’ esan, “am fear a thug ort tòiseachadh air an obair, gu bheil e ’dol ’ga fhàgail agad féin.” “Bithidh e ’n so air an uair.” Thainig e, agus thiormaich e gu buileach e. Dh’fhalbh sinn romhainn, ’s cha d’ thainig uisge na gaoth, ach mar a bha e roimhe. Chaidh an duine maille riumsa, agus chruinnich na daoine air a’ bhlàr a muìgh, ’s cha robh sileadh no seideadh againn. ’Nuair a chuimhnicheas mi’n gnothach do ’n duine, ’sann a ghabhas e nàire d’a amaideachd ’s d’a shaobh-chreidimh.—Cuairtear nan Gleann. GAILIG AIR “STEAM.” FHIR-DEASACHAIDH CHAOIMH,—Tha mi creidsinn gu ’m bi cuid de luchd-leughaidh MHIC-TALLA duilich nach ’eil facal ’nar cainnt a bheir dhuinn làn luach an fhacail steam; ach cha leig sinn a leas a bhi smaoineachadh nach ’eil. Tha ’m facal smùid a tabhairt ciall cho àrd air a chumhachd a tha air àrach eadar bùrn agus teas, agus a tha steam a tabhairt. Tha ’m facal steam air a bhuain á freumh an fhacail Anglo-Saxon stem. Tha ’m facal stem a’ ciallachadh vapour, or smoke. Tha vapour air a thabhairt bho ’n fhacal Laidionn, vapor. Tha ’m facal sin air Sasunnach a dheanamh dheth leis an litir u a chur ris. Ach tha ’m facal Laidionn vapor, agus a dhlùth charaide, ’m facal Greugais kampnos, a ciallachadh steam, exhalation, smoke. Chi sinn bho sin gu ’m bheil a Ghailig cho sean-bheulach leis an fhacal smùid, ’sa tha Greugais, Laidionn a’s Beurla. Cha ghabh an cumhachd a tha air àrach eadar bùrn agus teas faicinn. Cha deacha sùil an ceann, no glaine amhairc a dheanamh, a chi an toth làidir anns a choire; thugadh iomadh ionnsuidh air, ach cha ’n fhacas fhathast e. Tha (mar tha fios aig a chuid a’s mò) glaine air gach coire a sealltainn na bhios de bhùrn anns a choire; chitear am bùrn ’sa ghlaine ach cha ’n fhaicear an cumhachd gus am bheil e air a leigeil mar sgaoil feadh nan speur. ’Nuair a tha e faicsinneach tha e ’na steam no na smùid, ’s e gu ’n neart air bith. Chi sinn mar sin nach ’eil e ’na ni soirbh ainm a thabhairt do ni nach faic sùil ’s nach cluinn cluas. Tha ’n toth ud cho treun ’s nach leig e leis a bhùrn goil anns a choire. Ma theannas am bùrn ri goil bidh àm aigesan a bhios a cumail an teine suas ri sealltainn a mach air son a bheatha. Bidh ni eigin cearr air a choire ma gheibh am bùrn goil. Cha ’n ann an Glascho a rugadh Seumas Uatt na smùide idir. ’S ann a rugadh e ann am baile beag, bòidheach fo Bheinn nan Uan, eadar seann Chille-Phadruig agus baile Dhun-bhreatunn, ris an canar Bouline, air taobh Chaledonia de ’n bhalla Ròmanach, an siorramachd Dhun-bhreatunn. AONGHAS MAC AOIDH. Providence, R. I. LITIR A PORT HOOD. FHIR-DEASACHAIDH,—Bliadhna mhath ùr dhuit, agus do uile luchd-leughaidh MHIC-TALLA. Tha ùine mhor o nach do chuir mi sgriob ugad; ’s ged a tha mi ’n inntinn oidhirp a thoirt an dràsd’, tha eagal orm gu bheil m’ eanchainn cho gann do naigheachdan a bhiodh taitneach leat, ’s a tha mo sheann sporran tolltach de dh’ airgead. Bha na chaidh seachad de ’n gheamhradh fior bhlath, agus moran uisge ’tuiteam. Bha rathad math slaoid ann fad beagan lathaichean o chionn còrr ’us seachdain air ais; ’s mar b’e an t-slaodaireachd dh’ fhaodainn fhéin feum a thoirt as nach d’ rinn mi. Shil uisge trom a rinn cuid dha fhéin air a mhor chuid dhe ’n t-sneachda. Dh’ fhag sin sgreadail us diasgan fhiacall aig na sleigheachan a bhatar a slaodadh air an rathad. Tha ’nollaig ’s a bhliadhn’ ùr, mar a their sinn, a nis air seòladh sios air sruth sior-ruitheach na h-aimsir. Chaidh iomadh aon ri àireamh na muinntir a chaidh a ghairm gu taobh thall na h-uaghach o chionn bliadhna. B’ aithne dhomh fhéin iomadh aon a bha slàn, fallain, agus làn dòchais toiseach na bliadhna ’dh’ fhalbh, a tha ’n diugh nan sineadh ’an trom chadal a bhàis. Bha oidhche nollaig anabarrach blàth agus soilleir, a toirt mor chothrom dhaibhsan a bha ’dol do eaglaisean. Mu ’n do ghabh an t-seann bhliadhna cead deireannach leinn, bhuaileadh as i le meall de ghaoith ’s de shneachda; ghabh a bhliadhn’ ùr dhi e ’s cha d’ fhuair i thairis air fhathasd. Tha iasgairean an àite so ’faighinn dorlach mor de throsg o’n thainig an geamhradh. Bha mi aig biadh an latha roimhe maille ri duine gasd’ aig an robh annas do ’n deagh iasg a bh’ air a bhòrd, ’s thuirt e: “Well, tha trosg a sin co briagha ’s cho blasda ’s a laimhsich mo bheul riamh.” Tha iad a cur an éisg so ùr thun na marcaid, ’s a faighinn pris mhath air. Tha an t-iasg pailt gu leoir m’ an chladach so anns an t-samhradh ’s anns an fhoghar; ach tha na birich, no ’n t-iasg coin, cho lionmhor aig an àm sin ’s nach fhàg e, cha mhor, lann de dh’ iasg air bith eile ’theid ’an lion na air dubhan gun ithe. Eadar an call na shracas e de linn ’s na dh’ itheas e dh’ iasg, tha e ’na thrioblaid do na h-iasgairean. Tha so gu minic ag aobharachadh glòir nach ’eil ’s a phaidir. Thachair dhomh a bhi latha aig a chladach, ’n uair bu phailte ’bhireach. Thainig eithir gu tir, ’s dh’ amais fear de sgioba na eithreach rium—duine ait, deas-chainnteach. “An d’ rinn sibh iasgach math an diugh?” deir mi ris. “Cha d’ rinn,” ars’ esan; “tha ’n t-iasg air a a dhol a thun nan con buileach glan, cha ’n fhag an dog fish earball gun ithe dheth.” “Shaoil mi,” deir mise, “gu robh an t-eithir a sealltainn trom ’n uair a bha sibh a tighinn a stigh.” “Neo-ar-thaing,” deir esan; “cha mhor nach luchdaich sinn i le birich ’s le damnaichean.” “Ciod a seorsa linn ’sam bheil sibh a’ faighinn nan damnaichean?” deir mise. “Tha mi ’m beachd,” ars’ esan, “gu ’n gabhadh iad faighinn ’sa h-uile linn bho linn Adhamh.” Thuig mi gu ’m b’ fhearr leigeadh leis, ’s gu ’n an còrr a ràdh. Tha mo litir air fàs fada; ’s coir dhomh ma ’m fàs thu diumbach stad. Do charaid dileas, V. Port Hood, Ian. 2, 1899. AN CROMAN TINN. Bha croman gu tinn re uine fhada; agus air faireachdainn da nach robh moran coltais gu ’n rachadh e n’a b’ fhearr, ghuidh e air a mhathair gu ’n rachadh i do gach eaglais agus tigh-aoraidh anns an duthaich a dh’ fheuchainn ciod a dheanadh urnaighean agus eadar-ghuidhe as a leth. Fhreagair an seann chroman,—A mhic mo ghraidh, dheanainn-se gu toileach ni sam bith a shaoilinn a chaoimhneadh do bheatha, ach tha eagal mor orm nach biodh ach gle bheag buannachd anns an t-seirbheis a tha thu ag iarraidh; oir, ciod an aghaidh leis an urrainn domhsa fabhar sam bith iarraidh o na diathaibh, os leth aoin a chaith a bheatha gu leir an creachadh agus droch-bheart, agus nach soradh, an uair a gheobhadh e cothrom, eadhon na h-altairean fein a spuinneadh. AN COMHCHUR. Tha an cosamhlachd so a’ tarruing ar n-aire gus a’ phuing chudthromach sin, aithreachas leabaidh-bais. Agus, a chum na h-amaideachd a th’ ann a bhi steidheachadh air bunait cho neo-sheasmhach a nochdadh, cha ruig sinn leas ach a’ cheist fheoraich a chuir an croman anns a’ chosamhlachd; ciamar a ’s urrainn duil a bhi aige-san a bha re a bheatha gu leir a’ tabhairt oilbheum do na diathaibh le ghniomhara maslach agus eucorach, gu ’m bi iad ruith ris aig a’ cheann mu dheireadh gu ’n aobhar sam bith ach a chionn gu ’m bheil eagal air nach comasach dha a dhrochbheart a chur an gniomh ni ’s mo. “Cha ruig goid air aithreachas.” Chaidh fiach sia ceud dolair de dh’ òr a thoirt á mèinnean Nobha Scotia air a bhliadhna s’a chaidh, barrachd ’sa chaidh a thoirt asda ann an aon bhliadhna riamh roimhe. [TD 196] [Vol. 7. No. 25. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 13, 1899. SIUBHAL NA BLIADHNA ’N UIRIDH. Ged bha i lan de chogadh, ’us connsachadh, ’us aimhreit, ’us uprait, ’us fuaimean bagrach, garbha, tha ’bhliadhna ’n uiridh ann an tir na di-chuimhne ’nis. Ni ’n t-eachdraidh anns na laithean a tha ri teachd, iomradh gle thric air a’ bhliadhna ’chaochail o cheann la no dha. Bha iomadh fearg ’us clambar air feadh an t-saoghail re na bliadhna ’tha marbh. Air a Mhor-Roinn so, no air Mor-Roinn America, bha aileadh an athar lan de chasaidean an aghaidh nan Spainnteach ann an Cuba. Bha na Staidean a’ cur thairis le bron ’us eud ’us caoimhneas air sgath nan Cubanach bhochda aig nach robh biadh no comhfhurtachd, agus a bha air an geur-leanmhuinn, mar bha na Staidean a’ cumail a mach le glaodh fuaimneach, le eucoir ’us mi-run nan Spainnteach. Feumar an fhirinn innseadh nach do nochd na Spainntich moran gliocais, no curaim, no seoltachd, no gaisge riamh anns gach oidheirp a rinn iad air Cuba ’riaghladh. Bha cogadh beag, goirid eadar na Staidean agus Cuba. Thainig crioch air cumhachd nan Spainnteach ann an Cuba. On nach robh biadh ’us comhfhurtachd gu leoir aig na Staidean airson an saighdearan fein a chuir iad do Chuba, tha e fior-dhuilich do gach neach aig am bheil meas air firinn ’us ceartas, a bhi ’faicinnn cia mar a rinn na Staidean gus an latha ’n diugh, moran maith no caoimhneis do na Cubanaich thruagha. Cha ’n ’eil e fathast soilleir gu do thoisich na Staidean air riaghladh ur, ceart, seasmhach a chur an ordugh do na Cubanaich. Feumaidh iad luchd-riaghlaidh de ’n daoine fein ’fhaotainn; oir cha ’n aontaich iad gu brath a bhi air an riaghladh leis na Staidean, no ’bhi air an nasgadh ris na Staidean. Leis a’ chogadh a rinn iad an aghaidh nan Spainnteach fhuair na Staidean coir, no greim, no sealbh le doighean ceart no cearr anns a’ chuan mhor Shamhach. Tha na Staidean agus Breatunn a’ pogadh beul ri beul an diugh. Tha na coirean ceudna aca ann an China; agus tha rioghachdan uaibhreach, mhi-onorach an t-saoghail, cosmhuil ri Ruisia, ’s an Fhraing, ’us a’ Ghearmailt mar an ceudna, a’ fosgladh an suilean aig an am so, ’s a’ faicinn gu feum iad an cuilbheartan a chiosnachadh agus moille ’dheanamh ’nan gnathachadh carach, mosach. Bithidh e ’na bheannachadh ro-mhor do ’n chinne-daoine gu leir ma bhitheas cairdeas laidir, bunaiteach daonnan eadar na Staidean agus Breatunn; agus ma bhitheas iad leis an ughdarras ’us leis an neart a bhuineas doibh le cheile, daonnan dileas ’us meamnach os leth na saorsa, ’s a cheartais, ’us an ionracais, ’us na firinnteachd, ’us na stuaim, ’us a’ ghliocais, ’us na seasgaireachd. On tha ’na Staidean ’us Canada ’n an dluth choimhearsnaich bho aon chuan luasganach gu cuan mor samhach eile, tha e ceart ’us iomchuidh gu bitheadh daonnan caoimhneas fior ’us cordadh seasmhach eadar an da dhuthaich. Tha aireamh mhor am measg luchd-riaghlaidh Chanada ’tha fior-iarrtuiseach air cumhnant a dheanamh leis na Staidean, mu dheibhinn malairt an da dhuthaich. Tha daoine glic ’us foghluimte ’bhuineas do Chanada ’s do na Staidean, a’ deanamh dichioll o cheann uine mhath, a nis air cumhnant de ’n t-seorsa so ’chur ann an ordugh togarrach. A reir gach sgeoil ’us coslais, cha bhi e comasach cumhnant a dheanamh a bhitheas gu brath taitneach ann an sealladh Chanada, ’s d’ an tabhair Parlamaid ’us Seanadh Chanada an aontachadh. Thig maith as gach eud ’us oidheirp a rinneadh airson cumhnant dhireach, onorach a chur an dealbh leis na Staidean, ma thig cairdeas a’s modha an lorg gach deasboireachd ’us reusonachaidh a rinn na daoine mora, tuigseach ann an Cuebec, agus ann am baile mor nan Staidean. Is e Breatunn an rioghachd a’s motha, ’s a’s fhearr, ’s a’s treise a bha riamh ann. Ann an America tuath ’us deas, ann an Africa bho bheul amhainn an Nile a h-uile ceum gus an ionaid a’s fhaide mu dheas, ann an Asia tuath ’us deas, agus an eilean reachdmhor Australia, tha fearainn luachmhor agus muirichinn thapaidh, easgaidh aig Breatunn. Is e gliocas ard Bhreatunn aig an am so a chlann ’s ’fhearainn thall ’s a bhos a nasgadh ris fein gu blath, cairdeil, daingeann; agus air laghannan uidheamachadh trid am bi malairt Bhreatuinn agus a mhuirichinn ann an dluth-chairdeas. Bitheadh an saorsa a’s modha ’tha comasach no iomchuidh eadar Breatunn, leis gach bathar ’us innleachdan iomadach, agus eadar Canada ’s gach sluagh ’us tir eile air am bheil a’ Bhanrigh a rioghachadh. Theid againn ann an Canada air cuibhrionn mhor do gach cruinneachd, ’us eorna, ’us peasair, ’us coirce, ’s feoil, ’us caise, ’us im air am bheil feum aig Breatunn a thabhairt dha. Tha gach cothrom aig na Staidean ged tha callaid ard aca an aghaidh marsantachd Bhreatuinn, a tha aig Canada ann am margaidhean Bhreatuinn. Stadadh mata, gach gradh iongantach a tha ’tarruing luchd-riaghlaidh Chanada gu cumhnant nach gabh gu brath fhaotainn, iarraidh bho na Staidean. Is ann do Bhreatunn a bhuineas sinn! Is ann bho Bhreatunn a thig an cairdeas a’s fhearr a ghabhas ’faotainn leinn! Is ann ann an dluth dhaimh le Breatunn a gheibh sinn agh, ’us fortain, ’us soirbheachadh taitneach, faoilidh! Thig e dhuinn, mata, tionndadh air falbh o bhi ’g asluchadh air na Staidean cumhnant a dheanamh leinn; oir gleidhidh iadsan, mar a ghleidh iad riamh, a’ chuid gu fada ’s fhearr de ’n chumhnant doibh fein. Tha ionmhasan beartach ’us iomadach againn ann an Canada. Gheibh sinn bho Bhreatunn airgiod gu leoir airson ar n-ionmhasan a thabhairt as an talamh; agus ann am Breatunn gheibh sinn am margadh a’s fhearr airson gach ni ’s clach luachmhor a tha againn, ma ni sinn gach dichioll air sinn fein a nasgadh ni ’s dluithe ’s ni ’s cairdeile ri tir ar n-athraichean. CONA. Tha a bhliadhna so a toirt gu muinntir na h-Eirinn tomhas mor de fhéin-riaghladh, ni nach robh aca riamh o’n chaidh an t-eilean uaine aonadh ri Breatunn mhor. Tha aca nise a cheart cothrom a tha aig muinntir Shasuinn us Albainn, agus air dòigh, tha iad na’s fhearr dheth, oir a reir an àireamh, tha barrachd de bhuill aca ’san Ard-phàrlamaid ’sa tha aig na Sasunnaich no aig na h-Albannaich. Gheibh thu am MAC TALLA agus am Family Herald and Weekly Star fad bliadhna air son dolar gu leth. Gheibh thu mar an ceudna dealbh “The Thin Red Line,” a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, agus a bu chòir a bhi aig a h-uile Gàidheal ’na thigh. ’S ann air son cothrom a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA an dealbh sin fhaotainn a tha’n tairgse so air a toirt seachad. RABHADH. Chuireadh an cunntas a dh’ ionnsuidh gach aon a bha air deireadh ann am pàigheadh MHIC-TALLA o chionn dha no tri mhiosan air ais; ach tha àireamh mhor o nach d’ fhuair sinn fios-freagairt sam bith fhathast, a dh’ innse ciod a bha ’nam beachd a dheanamh. Tha sinn a toirt rabhaidh dhaibh sin, nach leig iad a leas suil a bhi aca ris a chòrr dail. Uaithe so a mach tha againn ri postachd a phàigheadh air a phaipeir gach seachdain, agus air an aobhar sin cha ’n urrainn dhuinn leantuinn air a bhi ’ga chur gu muinntir nach ’eil a pàigheadh air a shon. Ach air son cothrom a thoirt do na h-uile, cha chuirear stad air paipeir neach sam bith gu toiseach Februaraidh. An uair sin bidh ainmean na muinntir nach eil a pàigheadh air an toirt bhar nan leabhraichean. Tha sinn an dòchas nach bi an àireamh ach glé bheag; cha toigh leinn a bhi dealachadh ri ar luchd-leughaidh, ach ’s fheudar dhuinn dealachadh riuthasan nach dean an dleasanas. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. [TD 197] [Vol. 7. No. 25. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha droch stoirmeannan mu chladaichean Bhreatuinn o chionn seachdain no dha air ais, agus bha moran shoithichean air an long-bhristeadh ’s air an call. Tha fiosan a Australia ag innse gu bheil teas anabarrach anns an dùthaich sin aig an àm so, agus gu bheil stoirmeannan-gainmheich, teintean, agus an tiormachd a deanamh call mor air beatha agus air cuid dhaoine. Thionndaidh an t-side gle fhuar air an t-seachdain so; bha Di-màirt ’s Di-ciaduin gu math reòta. Tha na ròidean cuimseach math air son cuidhlichean, ach gle dhona air son sleighe; cha’n eil air an làr ach beagan sneachda, agus am beagan sin fhéin, cha’n eil e ’na laidhe cothrom. Chaidh eaglais mhor Shasunnach ann an Kingston, Ontario, a losgadh a sheachdain gus an diugh. Chosg i mu cheud mile dolair, agus cha robh de dh’ airgead cinnteachaidh oirre ach cóig mile fichead. Chaidh a togail an toiseach anns a bhliadhna 1825, agus bha i air a h-ùrachadh ann an 1840, agus a rithist ann an 1893. Chaidh duine ghabhail a stigh do thigh nam bochd ann a Halifax o chionn ghoirid, aig an robh moran airgeid ’nuair a bha e òg, ach a chaith e ann an goraiche an làithean òige. Bha e aon uair a b’ fhiach e coig mile fichead dolair, agus bha e gle mheasail aig luchd an fhasain, ach le ana-caitheamh thainig e gu bochduinn agus mu dheireadh b’ fheudar dha fasgadh iarraidh ann an tigh nam bochd. Tha sgeul a dol mu ’n cuairt an dràsda gu’m b e Spàinnteach d’ am b’ainm Bresmes, a rinn an soitheach-cogaidh Geancach “Maine” a chur dha na speuran ann an acarsaid Habhana. Co-dhiu tha sin fios no nach eil ’se call an t-soithich sin a chuir na Grancaich air mhire-chatha, agus a dh’ aobharaich an cogadh leis ’n do chaill an Spainn ’s ’n do choisinn na Stàitean Cuba, Porto Rico, agus na h-eileanan Philipeach. Chaidh duin’ òg b’ am b’ ainm Victor Baker, mac da’n Onar. L. E. Baker, a ghrad mharbhadh le urchair gunna ann a Yarmouth, N. S., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e fhéin ’sa bhràthair ’s duin’ òg eile a tilleadh dhachaidh o bhi sealgaireachd; bha gunna ’n t-aon aca anns a’ charbad, agus air dhasan a bhi ’g an cur air dòigh dh’ fhalbh an urchair á fear dhiubh, ’ga mharbhadh air ball. Cha robh e ach fichead bliadhna dh’ aois. O chionn beagan us seachdain, chaidh Mr. I. W. Mac Gille-mhicheil, New Glasgow, a ghairm do’n t-Seanadh leis an Ard-riaghladh. Cha do ghabh Mr. Mac Gille-mhicheil an onair sin a chionn gu robh e ’ga mheas fhein tuilleadh us sean air son a bhi na bhall de ’n t-Seanadh. ’Se a cheud duine air am bheil eachdraidh ar dùthcha a toirt cùnntas a dhiùlt a dhol a dh’ Ottawa a chosnadh mile dolair ’sa bhliadhna a chionn gu robh e ro shean. Tha comhairle na siorrachd ’na suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so. Bha Mr. H. C. V. LeVatte, a Louisburg, air a thaghadh mar cheann-suidhe, no mar “Warden” air a’ Chomhairle. Tha aig sgireachd nan Narrows Mhora ri taghadh eile bhi aca, air do fhear-lagha na siorrachd a bharail a thoirt nach robh an taghadh laghail; bha 240 bhòt anns a bhocsa, ged nach do bhòt ach 239. Ann an comhairle siorrachd Victoria, bha A. I. Domhnullach, Nyanza, air a thaghadh mar cheann-suidhe; ann an comhairle Inbhirnis, bha Seumas MacAoidh, Beinn a Mharmoir, air a chur ’san dreuchd sin, agus ann an comhairle Richmond, chuireadh an t-urram air Mr. Johnston, as na h-Eileanan Dearga. Ann an Sasunn ’s an Wales thatar a paigheadh còrr us tri muilionnean deug dolair ($13,220,000) ’sa bhliadhna air son cumail suas nam bochd. Bha teachd a steach Chanada anns na sia miosan mu dheireadh dhe ’n bhliadhna 1898, $2,271,000 na bu mhotha na bha e anns na sia miosan mu dheireadh dhe ’n bhliadhna 1897. Tha an amhach ghoirt gle dhona timchioll air Ceap Nòr. Tha an lighiche a’s fhaisge air an aite ceithir fichead mile air falbh, agus mar sin tha e doirbh frithealadh orra-san a bhios tinn. Bheir duine faisg air tri latha air an t-slighe eadar Baddeck us Ceap Nòr. Thatar ag radh mu Lyman Dart, an gill’ óg a bha air dhiteadh gu bàs air son mort a cheannaich’ Armenianach faisg air Truro, agus a bha an deigh sin air a shaoradh, gu’n do mhort e boirionnach anns na Stàitean o chionn ghoirid, agus gu bheil e air a chur an sàs air a shon. Tha sinn a cluinntinn gu bheil barrachd mor ’sa b’ àbhaist de litrichean air an cur leis a phosta ann an Canada o’n chaidh a phostachd isleachadh gu da shent. Ma tha sin ceart, agus gu lean e, cha bhi an call do mhaoin na dùthcha cho mor ’sa bha dùil a bhitheadh e. Cha ’n eil teagamh sam bith nach bi an call bharrachd ’s air a dheanamh suas an ceann bliadhna no dha. Tha an t-Urr. D. B. Mac Leòid, ministeir Orwell, an Eilean a’ Phrionnsa, air a ghairm gu Chatham, N. B., far am bheil mile dolair ’sa bhliadhna air a thairgse dha, agus mansa saor. Cha ’n eil e air innse fhathast co-dhiu tha no nach eil e dol a ghabhail ris a ghairm. Bha Mr. Mac Leòid aon Sàbaid ann an eaglais St. Andrew’s ’sa bhaile so o chionn choig bliadhna air ais. Tha e ’na shearmonaiche math am Beurla ’s an Gàilig. Thachair bàs muladach faisg air Lewis Cove Road, an siorrachd Richmond a sheachdain gus an Di-satharna s’a chaidh. Fhuaireadh Mairi Chaimbeul marbh dlùth air a dachaidh. Chaidh i gu ruige Grand River Dior-daoin air cheann gnothuich, agus bha i a tilleadh dh’a cois. Bha dùil aig a càirdean nach d’ fhàg i an amhuinn gus an d’ fhuaireadh i anns an t-sneachda astar goirid o’n tigh, ’si air a meileachadh gu bàs. Bha i leth-cheud bliadhna dh’ aois. Bhuineadh i an toiseach do’n Cheann Dearg, an siorrachd Victoria. IADSAN A’ PHAIGH. Iain Mac Carmaic, Earlswood, N. W. T. Ceit M. Dhomhnullach, Malden, Mass. Johanna B. Mhoireastan, Boston, Mass. Bean D. MhicEachairn, Forest River, Dak. Niall Seathach, Roseberry, Manitoba. Tormod Mac Leoid, Steòrnabhagh, Cuebec. Calum Caimbeal, Kinross, E. P. I. Iain I. Sutharlan, Kerrowgare, N. S. An t-Urr L. I. Mac-a-Phearsain, Antigonish. Calum mac Coinnich, Mira Gut. Iain Mac Fhionghain, (Taillear,) Sidni. An t-Urr. I. F. Forbeis, Sidni. Seoras Mac Neacail, Cobh a Bheabheir. Bean Thormoid Mhic-an-t-Saoir, L. Lomond. Anna Mathanach, Valley Mills. Iain E. Mac Leoid, Ingonish. Domhnull Mac Gill-fhinnein, Boulardarie. Alastair Peutan, Mabou, (N. E.) Iain Mac Amhlaidh, (Eildear) Port Morien. Iain Mac Aonghais, Allt nam Breac. Domhnull Domhnullach, (Gobha,) Amhuinn Dhennis. Iain Mac-an-t-Saoir, Catalone. BAS. Ann an Sidni Tuath, Di-satharna ’sa chaidh, an 7mh latha dhe’n mhios, Johanna, nighean bu shine an Urr. Iain Friseil, ministeir a Chladaich a Tuath, da bhliadhna gu leth a dh’ aois. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 198] [Vol. 7. No. 25. p. 6] GAOL DUTHCHA. Bhiodh e ’n a ni dàna, agus, ma dh’ fhaoidte, ann an iomadh cuideachd, ’n a ni cunnartach a radh, ged nach mor dhaoine tha cho gaolach ri Gaidheil na h-Alba mu ’n daoine ’s mu ’n dachaidh fein, gu bheil iad suarach mu ’n duthaich. Cha mho bhiodh e ceart, tha mi meas, co-dhiu gun ni-eigin de mhineachadh, dol a chur suaraichead mu ’n duthaich á leth nan Gaidheal. Cha ’n ’eil neach a chunnaic a’ bheag no mhor de ghiulan a’ Ghaidheil an tìr choigrich, nach faca iomadh comharradh follaiseach air a bhaigh r’a chinneadh, r’a chanain, ’s r’a dhuthaich. Tha fios againn uile air a’ chumhachd tha aig cliu ’us onoir a dhuthcha ’s a dhaoine thairis air inntinn an t-saighdeir Ghaidhealaich, a chum a bhi ’g a bhrosnachadh gu gniomhan euchdach, airidh air a thir ’s air a shinnsearachd. Anns na bailtean mora, gu h-araid o chionn beagan bhliadhnachan, tha gluasad a’ Ghaidheil ro chomharraichte. Cha ’n ’eil baile mor, no ach gann baile beag, am Breatunn, anns nach ’eil Comunn Gaidhealach, d’ am priomh dhleasanas a bhi dearbhadh do ’n t-saoghal mu ’n cuairt doibh, an àm ’s an an-àm, a reir beachd morain, gur sluagh sonruichte iadsan, ’n an eideadh, ’n an ceol, ’n an eàrrain, ’n an cleachduin, ’n an sinnsearachd, ’s ’nan eachdraidh. Agus ma leanas sìnn na Gaidheil do dhuthchannaibh cein, gheibh sinn dearbhadh nach facas, ma dh’ fhaodte, riamh roimhe air speis sluaigh do ’n tìr a dh’ fhàg iad. Their luchd-turuis ma tha toil agad fior Ghaidheal fhaicinn, gu ’m feum thu Albainn fhagail, ’s imrich a dheanamh do Chanada no do Australia. Tha e air aithris gu ’m faighear ’n ar latha-ne barrachd de ’n fhior fhuil Ghaidhealaich, de fhior chleachduinean, ’s de fhior chainnt nan Gaidheal, air raointean Australia ’s an coilltean Chanada, na gheibhear an Albainn. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil na Gaidheil an Albainn a’ dol an teircead ’s an laigead; ach nach mor an t-aobhar gairdeachais, ged tha ar cinneadh a’ crionadh ’s an rioghachd so, gu bheil e neartachadh taobh thall a’ chuain—nach bàs ach caochladh beatha tha ’n dàn d’ ar sluagh. ’S ann le smuaintean dubhach, trom, a chuimhnicheas sinn air na miltean ’s na deich miltean a dh’ fhogair ainneart as an tir fein; ach is ann le aoibhneas mor a leughas sinn no ’chluinneas sinn mar a shoirbhich le ’r luchd-duthcha an rioghachdan céin, ’s gu sonruichte mar tha tìr an duthchais, fuar ’s mar fhuair iadsan i, cho blath ’n an cuimhne. Co ’n t-suil nach lar, co ’n cridhe nach plosg, an uair a dh’ innsear gu bheil a’ Ghaidhealtachd ’s a’ Ghaidhlig cho muirneach thairis ’s a tha i aig baile; gu bheil am fogarrach a’ teagasg canain agus deagh chleachduin aithrichean d’a chloinn; ’s gu bheil a’ chlann ag adhlacadh nan aithrichean ann an cill a th’ air a h-ainmeachadh air a’ chill ’s a’ bheil an sinnsearachd ’n an luidhe mu thuath: “Tir nam beann, nan gleann, ’s nan gaisgeach!” Cha ’n ’eil cearn de ’n talamh air an do chuir an Gaidheal a chos anns nach cualas an fhuaim; agus cha ’n ’eil àite ’s an cualas i, nach do dhuisg i an cridhe a’ Ghaidheil na faireachduinean is luachmhoire a bhuineas d’a. Tha do cheann na ’s airde, ’s do cheum na ’s farumaiche, an uair a chluinneas tu ’n radh air cabhsair a’ bhaile mhoir; is tric a neartaich an smuain misneach, seadh, agus creideamh an eilthirich ri am trioblaid ’us deuchainn an tìr chein; agus nach minic a chaidh an saighdear Gaidhealach le iolaich an coinneamh an namhaid, le suil na h-inntinn suidhichte air “Tir nam beann, nan gleann, ’s nan gaisgeach.”—Highland News. VERY FINE BUT— LE DONULL MAC CALUM. Leis an tàmailt a chuir foill a charaid, “Par’ de Fedag,” mu’n d’ thuirt e fhéin, air Captain Goblets thug e fad seachdain na laidhe gun éiridh. An déigh sin thog e air far an robh an t-uachdaran, MacRain of MacRain, agus thuirt e ris—“My lord, I cannot stand depredations of those cursed poachers any longer. I came to give up the sport.” “My dear Captain” deir MacRain of MacRain, “you will do nothing of the kind. I shall immediately, by private circular, call a meeting of all the Highland landlords and sportsmen, and we shall soon devise means to put a stop for ever to that awful crime of which you justly complain.” Os ìosal ghairm Captain Goblets a choinne mar gheall e. Chruinnich na tighearnan agus chaidh Lady Myshrym a ghairm do ’n chathair. Ghluais The MacDodo—“That poachers ought to be transported or capitally punished.” Ghluais Sir Harold Tripod—“That the most successful advocate in the Kingdom should be employed to prosecute poachers.” Ghluais MacRain of MacRain—“That a poacher-catcher be immediately appointed.” A dh’ aon inntinn chaidh aontachadh leis na gluasadan so uile. An sin thuirt The MacDodo—“I have a ghillie called, on tne ‘nonlucendo’ principle, ‘Caomhan,’ who in low trickery, in abandoned treachery, and in tortuous methods would make a fool of the very Evil One himself. I move he be appointed poacher-catcher.” “O,” deir Lady Myshrym, “that is all very fine and large, but I fear he may begin operations by making fools of us.” ’S e ’m bun a bh’ ann gun d’ fhuair Caomhan a bhi na phoacher catcher os ìosal aig na tighearnan. Chaidh a’ chroit a thoirt o Phara-nam-Feadag agus a toirt do Chaomhan. Chuir Caomhan mar fhiachadh air Lorain agus air a Ghille Bhàn gur h-e caraid a b’ fheàrr a fhuair iad riamh. Rinn e suas ri Sionnach an Uachdarain—Ard Ghille Chaptain Goblets gu ’n oibricheadh iad air a chreach fo làmhaibh a chéile ’s gu ’m bitheadh Lorain ’s an Gille Bàn nam buill-aicinn aca. ’Nuair a fhuair iad air dòigh thog Caomhan, Lorain, ’s Gille Bàn ris a Choire-liath gu seilg nam fiadh ’s nan cearca fraoich. ’Nuair a bha iad a tighinn dhachaidh luchdaichte le sithionn, aig a’ Bhealach Dhearg air cnoc as an ceann chual iad Sionnach an Uachdarain ag eughach ri chuid ghillean an glacadh gun dàil. Theich Lorain ’s an Gille Bàn agus, na ’m fhìor e fhéin, Caomhan. Dh’ fhàg iad an t-sithionn an siod. Thill Caomhan ann an ùine gheàrr agus roinn e féin agus Sionnach an Uachdarain an t-sithionn eadar riu, agus thug iad dhachaidh air an socair e. Shaoil Lorain ’s an Gille Bàn gun robh na gillean còmhladh ri Sionnach an Uachdarain ceart gu leòir. DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. Am Feillire. IANUARAIDH, 1899. 1 DI-DONAICH La na Bliadhn’ Uire. 2 Di-luain Crunadh Tearlach II. 1651. 3 Di-mairt Bas an t-Seanalair Mone, 1670 4 Di-ciaduin 5 Dior-daoin An t-seann Nollaig. 6 Di-haoine La nan Tri Righrean 7 Di-satharna 8 DI-DONAICH Donaich nan Tri Righrean 9 Di-luain 10 Di-mairt 11 Di-ciaduin Bàs Mhic Mhic Alasdair, 1828 12 Dior-daoin 13 Di-haoine An fhéill Mhungo. 14 Di-satharna 15 DI-DONAICH (II) Donaich nan tri Righran 16 Di-luain Bàs Shir Iain Moore, 1809. 17 Di-mairt Là na h-Eaglaise-brice, 1745 18 Di-ciaduin Iompachadh an Abstoil Pòl 19 Dior-daoin 20 Di-haoine 21 Di-satharna 22 DI-DONAICH 3 Donaich nan Tri Righrean 23 Di-luain 24 Di-mairt 25 Di-ciaduin Breith Raibeart Burns, 1759 26 Dior-daoin 27 Di-haoine An fhéill Naile. 28 Di-satharna 29 Di-luain 4 Donaich nan Tri Righrean 30 Di-mairt 31 Di-ciaduin Bas Phrionnsa Tearlach 1788 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 7 F An Solus Ur, L. 11, U. 6, M. 36 F A’ Cheud Chairteal L. 18, U. 0, M. 22 F An Solus Lan, L. 26, U. 3, M. 20 F EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU ’N TAGHAIL THU. [TD 199] [Vol. 7. No. 25. p. 7] Eolas air ar Co-dhaoine. A bharr air eolas a bhi againn air Dia agus air a thoil, cha ’n ’eil cuspair ann is freagarraiche dhuinn, no eolas is buannachdmhoire agus is taitniche, no eolas air ar co-dhaoine air feadh an t-saoghail. Co dhiubh a bheachdaicheas sinn air an duine a thaobh dealbh agus deanamh a chuirp—buaidhean ’inntinn—a chor spioradail—an daimh anns am bheil e a’ seasamh ri a cho-dhaoine—an daìmh mar an ceudna anns am bheil e a’ co-sheasamh do na h-ainmhìdhean agus na creutairean gun reusan, gun tuigse a tha fo ’churam—na caochlaidhean coltais agus gné, araon ann an suidheachadh-inntinn a’ chinne-dhaonna; ge b’e air bith doigh anns am beachdaich sinn air an duine, chi sinn gur cuspair e a tha gu h-àraidh airidh air ar n-aire, agus a gheobh sinn lan foghluim agus buannachd. An da chuid ann an dealbh ar cuirp agus ann an suidheachadh ar n-inntinn, is fior mar thuirt an Salmadair d’ ar taobh—“Is uamhasach, iongantach a dhealbhadh sinn!” Altachadh Iain Urchadain. Fhir a mheudaich am bola mine Lughdaich a phris; Toradh na mara gu tir Sith eadar Choimhearsnach. Bidh leam ’s bidh leat ’S bidh na ’r measg; Beannaich a bhean ’s a chlann, A chearc bhuidhe ’s na h-eòin. Cha’n iarrans’ a sholas Ach uisge nan easan dubha, Buntata na dalaiche cruinne, Casan fada dol troimh ’n abhainn Suas gu Baile-na-Càbaig. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. AR STOC GEAMHRAIDH. SLEIGHEACHAN. Air an deanamh leis a Chanada Carriage Co. An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh. ACUINN. Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr BEIN. An “Saskatchewan Buffalo.” CLUIG agus CUIPICHEAN. Dhe gach seorsa. BRATAN-EACH. Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean. Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 200] [Vol. 7. No. 25. p. 8] Latha Nollaig. LEIS AN URRAMH DONNACHADH MAC GILLEADHAIN, NACH MAIRIONN. Bha am ministear so na bhàrd eireachdail ’s nuair a bha e ann an Gleann Urchaidh chaidh a Bhàrdachd a Chlo-bhualadh ’s a bhliadhna 1868. Caomh fhàilt ort a latha—a latha mo rùin— A latha uil’-airidh air moladh is cliu; A Nollaig ged ’s doilleir leam soilleir do ghnùis ’S ro aoibhneach do sgeula do’n euslan ’s do chùirt. ’Ur cleasachd ’s ’ur gòraich cha bhòidheach leam fhìn Ur dannsa ’s ’ur ceòl, o cha deònach gu cinnt’; Ur sùgradh, ùr mànran ’s ’ur n-abhachd ro bhaoth Le m’ chridhe tha tàireil, ’s cha ’n àraich dhoibh gaol. Ged nach taitneach le m’ chrìdh-sa ceol fìdhlean, is theud Ged nach blasda ’s nach binne ’s an tiomsa le m’ chré; Tha ceòl tha ro-thaitneach do m’ bhlas-sa ’san lo Bheir sòlas do m’ aigne am fad bhithinn beò, Tha naomh cheòl a’ bualadh mo chluasan gu h-ard Guth molaidh ro-uasal bhios buan anns gach àit; Mor ghlòir anns na h-ardaibh do Ard-righ na gloir Air talamh caomh shlàinte do ’n chràiteach, ’s do ’n leoint’. ’N diugh thùirling feachd aingeal o thalla na glòir ’N an culaidhibh geala, le faram ’s le ceòl; Air faiche Bhetlehem O! b’ eibhinn ’s bu ghrinn Ard fharum an teudan—an sgeul bu ro bhinn. ’N diugh rugadh dhuibh Slan’ear, ’am fardoch na spréidh A lùchairt cha ’n àluinn ge b’ aghmhor i ’n neamh; ’S mar chomhara gheibh sibh an leanabh ro naomh ’S a mhàthair dha ’m fagus, am prasaich nach caomh. Feuch! acair mo dhòchuis, mo shòlais, ’s mo shìth! M’àrd aoibhneis fàth m’ òrain, mo ghlòir e gu cinnt’; Mo dhidean fo thruaighe, gach uair e ’s gach linn ’San ioghnadh am chluais-sa a luaidh-san ged’ ’s binn. Allt-an-t-siucair. LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR. FONN.—“The lass of Patie’s mill.” (Air a’ leantuinn.) Do shealbhag ghlan ’s do luachair A’ bòrcadh suas mu d’ chòir, Do dhìthein lurach, luaineach Mar thuairneagan de ’n òr; Do phris làn neada cuachach Cruinn, cuarsgagach aig d’ eòin, Bàrr-braonain ’s an t-sàil-chuachaig ’N an dos an uachdar d’ fheòir. B’ e sid an leigheas léirsinn Do loingeas bréid-gheal, luath, N an sguadrana seòl bhréid-chrom A’ bòrdadh géur ri d’ chluais; ’N an giùthsaichean beò-ghléusta ’S an cainb gu léir riu shuas; Caol-Muile fuar ’g a réubadh Le anail-spéur bho thuath. ’S cruaidh a’ bhàirlinn fhuair mi Bho ’n fhuaran ’s blasda glòir, An caochan is mo buadhan A tha fo thuath ’s an Eòrp— Lìon ach am bòla suas deth ’S de bhranndaidh, fhuair na ’s leòir, Am puinse milis, guanach A thairneas sluagh gu ceòl. Muim-altruim gach pòir uasail Nach meath le fuachd nan spéur, Tha sgiath fo ’n àirde tuath oirr’ Dh’ fhàg math a buar ’s a féur; Fonn deiseireach, fìor uaibhreach ’N a spéuclair buan do ’n ghréin, Le spréidh théid duine suas ann Cho luath ri each ’n a léum. ’S aol is grùnnd d’ a dhailthean Dh’ fhàg Nàdur tarbhach iàd, Air ’m mèinn gu ’n toir iad arbhar ’S tiugh, starbhanach ni fàs; Bidh dearrasanaich shearr-fhiaclach ’G a lannadh sìos am boinn, Le luinneagan bìnn nìonag— An ceòl is mìlse rainn. An coire ’s fhèarr ’s an dùthaich An coire ’s sùghmhor fonn, ’S e coirein Allt-an-t-siùcair An coirein rùnach lom; ’S ge lom gur molach, ùrail Bog-mhìodar dlùth a thom, ’M beil mil a’s bainne brùchdadh ’S uisg’ ruith air siùcar pronn. An coire searrachach, uanach Meannach, uaigneach, àigh, An coire gleannach, uaine Bliochdach, luath gu dàir; An coire coillteach, luachrach An goir a’ chuach ’s a’ Mhàrt, An coire ’m faigh duin’-uasal Biast dhubh a’s ruadh ’n a chàrn. An coire brocach, taobh-ghorm Torcach, faoilidh, blàth, An coire lonach, naosgach Cearcach, craobhach, gràidh; Gu bainneach, bailceach, braonach Breacach, laoghach, blàr, An sultmhor mart a’s caora ’S is torach laoimsgir bàrr. An coire ’m bi na caoirich ’N an caogada le ’n àl, Le ’n reamhad ’gabhail faoisgneadh A ’n craicinn mhaoth-gheal, thlàth; B’ e sid am biadh ’s an t-aodach ’N ad fhaoin-ghleanna ’s ad àird— An coìre luideach gaolach ’S e làn de mhaoine gràis. An coire lachach, dràcach ’M bi guilbnich, ’s tràigh-gheòidh òg’, An coire coileachach, làn-damhach Is moch a’s anmoch spors; ’S tìm dhomh sgur ’g an àireamh— An coire ’s fàsmhor pòr Gu h-ìnnseach, doireach, blàrach, Is ìmeach, càiseach bò. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. LEIGHEAS BUAN. Sgriobh an t-Urr. Hy. Carter, Maddock, Springfield, P. E. I., mar a leanas, ann an Iun, 1895:—“Cha ’n urrainn do m’ mhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dh’ fhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mor ’s nach b’ urrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gu ’m faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh e ’deanamh feum dhi, agus fada mu ’n do chuir i crioch air da bhotull bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.” Tha an litir so a nochdadh an èifeachd a th’ ann an K. D. C. agus tha ’n té a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, còrr us bhliadhna ’n deigh so. “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slàn, ’s gu ’n a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaibh e. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 201] [Vol. 7. No. 26. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 20, 1899. No. 26. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. X. SGEULACHDAN US ORAIN. Mu ’n do dhealaich Mòrag is Seumas ri chéile, bha spòrs gu leòr aca air shàillibh mar a thachair do Dhomhull. Cha robh sìon a dhùil aig Domhull fhad ’s a bha e aig a’ bhanais nach i Mòrag a bha comhladh ris a’ dannsa, agus a’ comhradh ris ann an oisinn an t-sabhail. Dh’ aithnich Màireag gu ’m b’ ann mar sid a bha, agus thug i a ceart aire nach cuireadh i as a bharail e. Bha i iomadh uair an dùil nach rachadh aice air cumail air a gàire. Cha robh i an toiseach a’ tuigsinn ciod a bha ’na bheachd idir. Ach leig i leis a dhol air aghart air son spòrs dhi fhein. “Cha b’ e Domhull fhein bu lugha a rinn de ghàireachdaich an uair a thuig e mar a bha cùisean. Bha e glé thoilichte a chionn gu ’n do ghabh e as làimh bruidhinn ri Mòraig air son Sheumais. Bha e ag aideachadh gu saor nach robh de mhisnich aige na dh’ iarradh Màireag ri pòsadh. Ged nach d’ iarr e i oidhche na bainnse, fhuair e misneach o ’n chomhradh a bh’ eatorra anns an t-sabhal gus a h-iarraidh mu ’n d’ thàinig deireadh na seachdain. “Gu sgeula goirid a dheanamh dhe na bheil romham dhe ’n naigheachd, foghnaidh dhomh a ràdh, gu ’n do phòs Domhull Màireag air a’ cheart fheasgar air an do phòs Seumas Mòrag. Rinneadh banais mhòr, éibhinn, aighearach dhaibh; agus dhealaich mise riutha.” Dh’ éisd sinn uile le mòr aire ris an sgeula so a dh’ aithris fear an taighe. An uair a chaidh am fear a bha ’riarachadh an drama mu ’n cuairt an t-seòmair leis a’ bhotul, agus a dh’ òl gach aon a thogair na thàinig riutha dhe ’n dram, ghabh fior Ghàidheal còir dhe na bh’ anns a’ chuideachd an dà oran a leanas:— Mi ’nam shuidh air an tullaich, Fo mhulad ’s fo leònadh. Hug òirionn ò ro bha hò, Nighean donn bhòidheach, Hug òirionn ò ro bha hò. Gu ’m bheil m’ aigneadh fo bhuaireas; Theich mo shuaimhneas ’s mo shòlas. O’n là ’chuala mi ’n sgeula, Gu ’n do thréig thu ri m’ bheò mi. Is iomadh comhradh ciùin, taitneach, A bhiodh againn ’nar n-òige; Ann an gleannan an fhàsaich, Is àiridh na mòintich. ’Cur na spréidhe do ’n bhuailidh, Far ’m bu luath guth na smeòraich. Bu bheag a shaoilinn an uair sin Nach bu bhuan do ghaol dhomhsa. Cia mar ’chaochail do nàdar, Cha ’n ’eil stàth a bhith ’feòrach. Dh’ éirich dhutsa mar ’dh’ éirich ’Dh’ iomadh té dhe do sheòrsa. Chuir thu cùl ri fear falamh, Agus lean thu fear stòrais. Ged tha stòras ’na mhealladh, ’S dòch’ nach lean e ri d’ bheò riut. ’S tric a dh’ fhalbh e ’na dheannaibh Gun aon bheannachd ’na chomhdhail. C’ar son a dheanadh tu suas Ri fear uaibhreach, làn mòrchuis? Oigear spaideil, faoin, luaineach, Do ’m bu dual a bhith gòrach. Fear a dh’ òladh ’s nach pàigheadh Ged is stràiceil aig bòrd e. Rinn thu roghainn de ’n diùdhaidh— Fear gun chliù le chuid stòrais. Bha thu banail, ciùin, beusach, Thar gach té dhe m’ luchd-eòlais. Thug mi gaol dhut nach fàilnich Gus an càirear fo ’n fhòd mi. Ged a chuir thu do chùl rium, ’S e mo dhùrachd ri m’ bheò dhut; Saoghal fada gun mhi-ghean, Sonas, sìth, agua sòlas. Tha fonn anabarrach drùighteach, tiamhaidh air an òran so, agus chòrd e cho math ris gach aon a bh’ anns a’ chuideachd ’s nach leigeadh iad fois do ’n duine chòir a ghabh e gus an do ghabh e fear eile. So ma ta, an dara h-òran a ghabh e, agus mur b’ e a b’ fhearr a chòrd ruinn, cha b’ e dad bu mhiosa:— Gur e mise tha brònach Anns a’ bhothan ’nam ònar, ’S mi gun charaide beò a Ni leam comhnadh ’nam éiginn. Hò ù horò hùo, Hì ù horò éileadh, Hò ù horò hùo. Dh’ fhalbh mo shùgradh ’s mo mhànran; Dh’ fhalbh mo ghean ’s mo cheòl-gaire; Dh’ fhalbh mo mhaise ’s mo shlàinte; ’S gu là bhràth bidh mi deurach. Bha mi roimhe ’nam ghruagaich, Aotrom, aighearach, uallach, Cridheil, sunndach, gun ghruaman, ’S na mo ghluasad, deadh-bheusach. Chuir mi eòlas air òigfhear, A bha dealbhach, deas, bòidheach; Bha e tlachdar ’na chomhradh; ’S cha robh fòtus fo ’léinidh. Thug mi gaol dha nach fàilnich Gus an coinnich am bàs mi; B’ e mo shòlas gach là a Bhith ri mànran ri m’ fheudail. Ged a bha mi gun stòras, ’S gun mo spréidh air a’ mhòintich, Thug e gealladh mo phòsadh; ’S bha sinn còrdte le chéile. Ach bha ’chàirdean an gruaim rium, ’Chionn nach robh mi o uaislean, ’S mi gun spréidh air na buailtean; ’S chum iad uamsa mo chéile. Phòs e cailleach dhubh, ghrànda, Uaibhreach, mhòrchuiseach, stàtail; O’n bha òr is taigh àrd aic’, Crodh am bàthaich ’s air sléibhtean. Bhuail an t-aithreachas tràth e; Chaill e ’ghean ’s a cheòl-gaire; Chaill e ’mhaise ’s a shlàinte; ’S tha e ’n dràst’ air bheag feuma. Dh’ aindeoin stòras na caillich; Tha e brònach, neo-gheanail, O’n a thréig e ’cheud leannan; ’S cha dean aithreachas feum dha. Bheirinn comhairl’ air òigfhear; ’Nuair ’bhiodh dùil aige pòsadh, Gun e threigsinn na h-òige, Dh’ aindeoin òr na té léithe. Bheirinn comhairl’ air gruagaich, Fhad ’s a bhitheadh i uallach, Gun i thoirt a gaol buan a Dh’ fhear ’bhiodh suarach m’a tréigsinn. Bheirinn comhairl’ air caileig; Ged a bhitheadh i falamh, Gun i thoirt a gaol falaich ’Dh’ fhear a mhealladh ’na dhéigh i. Ghabh fear no dithis òran Bheurla, ach cha ’n ’eil a h-aon dhiubh air chuimhne agam an diugh; agus ged a bhitheadh, cha bhiodh aobhar dhomh iomradh a thoirt orra. Ghabh Gàidheal eile dhe na bh’ anns a’ chuideachd dà oran eile. Tha beagan eachdraidh an co-cheangal ris an dà òran so, agus mur bi i air a h-aithris cha tuigear ceart na h-òrain. O chionn ceud gu leith bliadhna, an uair a bha Prionnsa Tearlach a’ tagradh còir air crùn na rioghachd, bha mòran de throimh a chéile ann am measg nan Gàidheal. Ged a bha cuid mhòr dhiubh air a thaobh, bha cuid eile ’na aghaidh. Cha b’e mhàin gu ’n robh aon earrann dhe ’n dùthaich an aghaidh a’ Phrionnsa an uair a bha earrann eile air a thaobh; ach bha teaghlaichean, agus eadhoin fir agus an cuid mhnathan gu tur an aghaidh a chéile air a shàillibh. Bu tric a gheibhteadh fear an taighe ag obair gu làidir air taobh Righ Deòrsa, an uair a bha bean an taighe a’ deanamh na b’ urrainn i a chum gach cuideachadh a dheanamh leis na daoine a bha air taobh a’ Phrionnsa. Thachair gu ’n robh duine àraidh ann a bha glé theith an aghaidh a’ Phrionnsa, agus air taobh Righ Deòrsa. Bha bean an duine so a cheart cho teann ’s cho teith air taobh a’ Phrionnsa, agus nan daoine a bha seasamh air a thaobh. Mar a dh’ fhaodadh fios a bhith aig na h-uile, an uair a chaidh blàr Chùil-fhodair an aghaidh a’ Phrionnsa, bha e fhein agus na cinn-fheadhna a sheas air a thaobh, fo ’n choill. Cha robh aca ach a bhith ’g am falach fhein mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad. Bha bràthair na mnà aig an duine so ’na aon dhe na cinn-fheadhna a sheas air taobh a’ Phrionnsa. An uair a bha e fo ’n choill, cha robh ni bu nàdarra dha na bhith ’gabhail fasgaidh agus tearmuinn ann an taigh a pheathar. Ach cha ’n fhaodadh e bhith ann le fios a fir-phòsda. Air a shon sin bhiodh e tighinn ann cho tric ’s a dh’ fhaodadh e. Bha amhrus aig fear an taighe gu ’n robh fear éiginn a’ tathaich an taighe, a thaobh gu ’n robh e faicinn iomadh nì a bha ’toirt air sin a chreidsinn. Ge b’ e co rinn an t-òran, rinneadh e mar gu ’m b’ e comhradh a bhiodh ann a bha eadar am fear ’s a bhean. So agaibh na tha air chuimhne agamsa dheth. Is fhad o ’n a chuala mi e aig mo sheanamhair. Agus gu cinnteach ceart bu mhath a ghabhadh i e. Tha cuimhne math agam air an fhonn a bh’ air an òran mar an ceudna. Thainig fear an taighe dhachaidh, ’S ann dhachaidh gu ’n d’ thainig; Fhuair e geòla air a’ chladach; “Na ciod e chuir ann i? Ciod e chuireadh idir ann i Gun fhiosrachadh dhomhsa?” “Amadain, amadain! Tha ’n doille ri d’ bheò ort; Cha ’n ’eil an sin ach cuman bleodhain Thug mo mhàthair dhomhsa.” “Cuman bleodhain!” ars’ esan. “'Cuman bleodhain,” ars’ ise. “Is iomadh àite ’shiubhail mi, ’S a liuthad àite ’dh’ fhalbh mi; Ach taoman aig cuman bleodhain, Cha ’n fhaca mi riamh e Gu ’n d’ ràinig mi so!” Thàinig fear an taighe dhachaidh, ’S ann dhachaidh gu ’n d’ thàinig; Fhuair e each ri taobh an doruis; “Na ciod e chuir ann e? Ciod e chuireadh idir ann e Gun fhiosrachadh dhomhsa?” “Amadain, amadain! Tha ’n doille ri d’ bheò ort; Cha ’n ’eil an sin ach bò laoigh A thug mo mhàthair dhomhsa.” “Bò laoigh!” ars’ esan. “Bo laoigh,” ars’ ise. “Is iomadh àite ’shiubhail mi, ’S a liuthad àite ’dh’ fhalbh mi; Ach diollaid air bò laoigh, Cha ’n fhaca mi riamh e Gu ’n d’ ràinig mi so!” Thàinig fear an taighe dhachaidh, ’S ann dhachaidh gu ’n d’ thàinig; [TD 202] [Vol. 7. No. 26. p. 2] Fhuair e gunna ’n taobh an taighe; “Na ciod e ’chuir ann e? Ciod e ’chuireadh idir ann e Gun fhiosrachadh dhomhsa?” “Amadain, amadain! Tha ’n doille ri d’ bheò ort; Cha ’n ’eil an sin ach maide-gradain, Thug mo mhàthair dhomhsa.” “Maide-gradain!” ars’ esan. “Maide-gradain,” ars’ ise. Is iomadh àite ’shiubhail mi, ’S a liuthad àite ’dh’ fhalbh mi; Ach gleus gunn’ air maide-gradain, Cha ’n fhaca mi riamh e Gu ’n d’ ràinig mi so!” Thàinig fear an taighe dhachaidh, ’S ann dhachaidh gu ’n d’ thàinig; Fhuair e firionnach ’san leabaidh; “Na ciod e chuir ann e? Ciod e chuireadh idir ann e Gun fhiosrachadh dhomhsa?” “Amadain, amadain! Tha ’n doille ri d’ bheò ort; Cha ’n ’eil an sin ach leanabh beag A thug mo mhàthair dhomhsa.” “Leanabh beag!” ars’ esan. “Leanabh beag,” ars’ ise. “Is iomadh àite ’shiubhail mi, ’S a liuthad àite dh’ fhalbh mi; Ach feusag air leanabh beag, Cha ’n fhaca mi riamh e Gu ’n d’ ràinig mi so!” (Ri leantuinn.) ROB RUADH MAC-GRIOGAIR. LE LACHUINN MAC GILLEAIN. Bu mhac Rob Ruadh do Dhònull Mac Griogair, de theaghlach agus de thigh Ghleanngoill, còirneal ann an arm an Righ. B’i ’mhàthair nighean Fir Dhuneabhais—ban-Chaimbeulach mheasail, urramach, eireachdail. Anns an àm so, mar tha fios aig an t-saoghal bha na Griogaraich fo chruaidh fhòirneart. Bha iad air an cunntas air chùl lagha. Bha iad air an ruagadh bho bheinn gu srath, ’s bho shrath gu beinn, le coin-dhubha ’s le gunnachan, mar na cearcan-tomain; air chor ’s nach robh tighinn beò aca—nì ’thug air iomad dhiùbh an sloinneadh ’àicheadh. Chuir Rìgh Seumas a mach achd, gach mac màthair dhiubh ’sgrios le claidheamh ’s le teine. Cha ’n e so amhàin, ach chaidh duais mhòr a thairgse do gach neach a bheireadh ceann Griogaraich do Dhuneidin; air chor ’s gu ’n robh iad a’ toirt nan ceann dhiùbh, cha ’n e amhàin ’nan cadal ’s ’nan dùsgadh, ach ’gan togail an deigh an adhlaic, agus a’ toirt an cinn air dà thaobh eich a dh’ionnsuidh an Rìgh! Theagamh gum faraid an leughadair “C’arson a bha so? Nam biodh iad neo-chiontach, cha bhiodh sin mar sin.” Freagram, ’si mo bharail féin nach robh iad ni bu mhiosa na’n coimhearsnaich; ach bha iad treun, àrd-inntinneach, agus àrdanach, agus thog so gamhlas dhoibh. Mar dhearbhadh gu ’n d’ fhuair iad ana-cothrom, tha fios againn, ’nuair thainig Clann-Iain Ghlinn-comhann, anns a’ bhliadhna 1588, gu Gleann-Artnidh, monadh-frìth’ a bhuineadh do ’n Rìgh ’s a leagadh iad fiadh agus earba no dhà, rug an cileadair orra, ’s gheàrr e dhiùbh na cluasan! Ghabh na h-òganaich a leithid do thàmailt as a so, ’s nach luaithe ràinig iad Gleann-comhann na thainig iad air an ais le laoich eile de’n cinneadh, ’s a thug iad an ceann bhàrr an fhir a rinn so (Drummond). An deigh an ceann a thoirt dheth, chaidh iad leis gu tigh a pheathar, bean Ardbhòrlaich. Chuir iad air a’ bhòrd m’a coinneamh e, ’s mir arain ’na bheul. Na dheigh so thug iad e gu Balchuidir, far an robh an càirdean Griogarach. ’Nuair chual’ na Griogaraich mar bhà, chuir gach fear a làmh air a’ cheann-gun-cholainn, agus thug iad mionnan gu ’n seasadh iad na Dònullaich, thigeadh mar thoilicheadh. Fhuair an Rìgh brath mar thachair, agus b’ ann air na Griogaraich a thuit an cionta! Tha fhios againn, air àm eile, ’nuair thainig Colquhoun, triath Luis, orra ann an Gleann-Fruain le ceithrar m ’an aon, chum gach mac màthar dhiubh a mhort, ’s a mharbh na Griogaraich còrr ’us dà cheud dhiubh, gur h-ann air na Griogaraich a thuit an cionta. A dh’ aon fhocal, chaidh na bregan ’innse d’an Righ, agus bha e cho socharach ’s gu ’n do chreid e iad. Cha robh treubh no fine ann Gàidhealtachd na h-Alba bu rioghaile, agus bu diriche, na na Griogaraich; ach chuir ceilg agus carachd, agus gamhlas as dhoibh! Cha robh ni air bith ri chomharrachadh air Rob Ruadh fad làithean ’òige, ach gu’n robh e garbh-chnàmhach, gaoisneach, feum-sgailte, cruadalach. Bha e socrach, ciallach, deagh-nàdurach, gus an rachadh a thogail, ach ’nuair rachadh, chuireadh sealladh a shùil crith air gealtair. Bha ’ghàirdeanan comharraichte fada, agus cha robh fear-claidheamh d’a aois anns an rioghachd a bheireadh bàrr air. Bha aon rud ’na ghiùlan a thug na coimhearsnaich fainear—’se sin, bha gach ceathramh gu beagni, de àrd bhàrdachd a dhùthcha aige air mheodhair. Chaitheamh e latha samhraidh a’ dearcadh air mòrachd nam beann, am baidean ceò a’snàmh air an uchd, agus aisling nam fiadh ’nan ceann—air coire domhainn, ùldaidh, craobh-sgàileach—air a’ chuan mhòr, le stuaghan ceigeineach cromhileach—no air an lochan chiùin, mar fhairge ghlainne, far am biodh na bric ri plubraich, a’ ceapadh chuileag le ’n cambheul. Dh’fhàs inntinn Raib mòr le bi mar so a’ bheachdachadh air oibre mòr a’ chruthachaidh, anns a’ bheil Dia ra’ fhaicinn; ach mar biodh ’inntinn nàdurra mòr, cha ghabhadh e suim dhiubh. Mòr agus àrd mar bha inntinn Raib cha ’n fhac e bealach air a shon ach an tuathanachd. Ghabh e, ’nuair thainig e gu duineadas, gabhail fhearainn ann am Balchuidir, an siorramachd Pheairt, far na shoirbhich e gu ’mhiann fad iomadh bliadhna. Mu dheireadh cha robh a bhi beò aige, le mèirlich a bha ’tighinn bho ’n taobh tuath, ’s a goid a spréidhe feadh na h-oidhche, gus am b’ éigin da buidheann daoine ’thogail, ’s e féin a chur air an ceann, a dhion ’s a ghéidheadh a chodach. Mu ’n àm so, thainig buidheann na h-uile ceum á siorramachd Rois, agus shlad iad leò cùig-bà-deug bho ghabhail Finlàrig. Chaidh fios a thoirt do Rob mar thachair. Sheinn e ’fhìdeag. Fhreagair a dhà-laoch-deug, agus air tòir nan creachadairean ghabh iad. Choisich iad dà latha agus oidhche, eadar monadh ’us fiorair, mu ’n d’ fhuair iad a bhrath orra ach lorgan a’ chruidh. Rug an treas oidhch’ orra air criochaibh Bhàideanach, monadh ùldaidh fiadhaich. Leig iad an ceann air an fhraoch mar chluasaig, am breacan mar phlaide ’s mar bhrat, agus chaidil iad. Cha luaithe ’dhùisg fear de ’n chomunn as a cheud chadal, na chunnaic e anns an àit’ fhiadhaich fhàsail so grìosach mhòr theine, astar beag uath. Dh’ ialaich Rob ’s a bhuidheann gu fàilidh, ’s fiùghair aca gu’n robh an t eun aca air spòig; ach cò bha so ach buidheann do cheàrdan. Có dhiùbh, dh’ innis iad gum fac iad Clann Mhic-Rath a’ dol seachad leis an fheudail mu fheasgar, agus rinn iad seòladh-corraig far am faighte iad. Mu chamhanaich an latha, dìreach ’nuair bha Clann Mhic-Rath a’ togail orra, an deigh an oidhche ’chur seachad ann am fang-falaich—gleann cumann bha nach faicte mullach nam beann—thainig Rob Ruadh ’s a buidheann orra. Ghlaodh Rob riu, le guth a dhùisg ceudan mactalla, ’s a thug air fiadh ’s air earbha ruith gu mullach nam beann, stad! Cha do stad iad; agus ’nuair chunnaic Rob so, leam e orra, agus ann an cóig mionaidean bha seisear dhiubh sinnt air a’ bhlàr. Bha aon-deug dhiubh làthair fathast, a laimhsich an claidhean gu fearail; agus cha do ghéill iad gus na mharbhadh dithis eile, agus na leònadh cùigear. Chaidh Rob e féin a leònadh, agus triùir no ceithrear d’a dhaoine, agus fear a mharbhadh; ach coma, thug e dhachaidh a’ chreach, agus liubhair e thairis gach ionga dhiubh do’n fear leis am bu leis iad. Fhuair so cliù mòr do Rob Ruadh, air chor ’s gu ’n d’ aontaich iomad aig nach robh umhail dheth roimhe am màl-dubh a phàigheadh dha na dheigh so. B’e so cïs, dìreach leithbhreac na cìse ris an abrar airgiod-police ann am bailte’-mòra—cìs a phàigh bochd ’us beartach, a réir an staide, airson an cuid ’s an cuideachd a dhìon bho robairean. B’ ann air a shon so a thogadh a’ bhuidheann ainmeil am Freiceadan Dubh, friamh “Na seann Reisimeid Duibh mheasail, An dara té ’s an dà-fhichead;” agus b’ann air a’ cheart mhodh a bha iad air am pàigheadh. Ghabht’ a’ chìs ann an airgiod, am min, an spréidh, no ann an ni air bith eile, do réir ’s mar dheanadh iad féin ’s an tuath cùumnanta. Phòs Rob Ruadh bantighearn’ òg àluinn, Nic-Griogair, de theaghlach chomhair. Bha iad cho sona le chéile ri dithis a chaidh riamh cuideachd. Bha ’h-inntinn-se air a gnothach féin; agus cha d’ thubhairt i riamh ri Rob, “’S olc tha thu ’deanamh.” Bha Rob cho measail, agus cho seasmhach ri ’fhocal, ’s gu’n d’ rinn na h-uaislean a b’ àirde ’san dùthaich companach dheth. Cha’n e sin, ach ’nuair dh’eug ceann-cinnidh nan Griogarach, anns a’ bliadhna 1693, a fàgail a staid d’a bhràthair dìolain, a thainig a nìos an deigh a bhàis-san gu ’mhac, Eòghann, a dh’ fhàg an rìoghachd, cheannaich Rob an staid, Inbhirsnaid, air bruaich Lobh Lòmain. Mu ’n àm so, ghabh Montrose e ann an cuideachd ris mar dhròbhair, oir bha miagh mòr air crodh Gàidhealach ann an Sasunn; agus thug Rob ’s a ghillean sgrìob le dròbh uair no dhà sa’ bhliadhna do ’n rìoghachd sin. Uair de na h-uairean, a’ tilleadh á Sasunn, rathad Mhoffait, thainig e air oifigeach agus buidheann de shaighdearan, ’s iad a’ crochadh ceithrear dhaoine air craoibh, gun aobhar ach gu ’n robh iad, mar theirte, de ’n “chreideamh mhòr.” Bha maighdean bhòidheach, a’s ceangal nan ceithir chaol oirre, aig bun na craoibhe, ’s i ’bas-bhualadh airson a h-athar ’s a bràthar, dithis de na chroch iad. Cho luath ’s a bha’n ceithrear seachad, rug na saighdearan air a’ mhaighdinn, ’s thug iad i gu bruaich aibhne, gus a bàthadh, gun umhail d’a h-ùrnuigh ’s d’a h-achanaich airson tròcair! Leagh cridhe Roib. Dh’fharaid e ciod e b’ aobhar. Thubhairt an oifigeach ris dhol mu chùl a ghnothaich, airneo gum faigheadh a féin an tomhas ceudna. Cha d’éisd Rob ri tuilleadh. Thug e duileum air na saighdear, agus a thiota bha ochdnar dhiubh ’plubrach anns an abhuinn. Bha ’n t-oifigeach agus na deichnear eile nam breislich car tamuil. Gheàr Rob na sraingeanan, ’s leig e ’mhaighdean mar sgaoil. Tharruing e nis a chlaidheamh, ’s mharbh e ’n t-oifigeach, agus na dheigh-san dithis de na saighdearan. ’Nuair chunnaic càch so, ghabh iad cead an coise. Mu ’n àm so, chuir Rob Ruadh agus Montrose a mach air a chéile, gus mu dheireadh an d’ thug Montrose an staid uaithe le cluip, ’s an d’ fhuair e na ’ainm fein na h-uile ploc dh’i. Chuir Rob roimhe, có dhiùbh, ma fhuair e’n staid, nach pòcaideadh e ’màl; agus beagan roimh latha ’mhàil, chaidh e féin ’s a ghillean, agus thog iad na h-uile sgillinn dheth, a’ toirt bann-aideachaidh, no receipt, dhoibh an ainm Mhontrose. Rinn e so ré iomad bliadhna. Mu dheireadh, chuir Bàillidh Mhontrose, fear Ghrahamach, roimhe nach biodh, a’ chuis mar so. Thug e air an tuath a choinneachadh air latha sònraichte ann an tigh-òsda ann an Cillearn. Coma, fhuair Rob brath air na bha ’dol air aghart. Thug e manear e ’bhi air éibheach aig dorus na h-eaglais air an t-Sàbaid roimhe gu’n deach e do dh’ Eirin. Chruinnich am Bàillidh, agus mòran do dh’uaislean leis, a thogail a mhàil. Bha Rob agus a dhaoìne am falach ann an coille dlùth do ’n tigh; agus ’nuair shaoil e gu robh gach [TD 203] [Vol. 7. No. 26. p. 3] nì deas, thainig e orra, ’s a phiobaire ’cluich roimhe. ’Nuair chuala Cillearn a’ phìob, dh’aithnich e mar a bha. Dh’ fhalaich e na pòcanan airgid; agus ’nuair dh’ fharaid Rob dheth cia mar thainig e air aghaidh leis a’ mhàl, fhreagair e nach robh e ach a’ tòiseachadh. “Cha dean do bhreugan feum an so,” arsa Ròb, “faiceam na leabhraichean!” B’éigin an toirt am follais; agus thug Rob leis na h-uile bonn-a-sia! Cha ’n fhòghnadh so, ach sgob e leis am Bàillidh, fear Chillearn, agus chuir e do dh’eilean fàsail e aig ceann Loch-Ceatharn, far na chum se e gus na gheall e nach togadh e tuilleadh màil bho staid Inbhirsnaid, a thug Montrose uaithe le ea-ceart agus le sloitireachd. Uine gun bhi fada an deigh blàir mi-shealbhach Choille-Chnacaich, bha coinneamh mhòr aig maithean agus uaislean na Gàidhealtachd ann am Braidalba, a mharbhadh fhiadh, mar gum b’eadh; ach da rireadh a chur an cinn ri cheile mu aobhar nan Stiùbhartach. Bha iad uile ’dh’aon anam, gu’n seasadh iad an tigh rìoghail dligheach sin; agus chuir na h-uile fear ’ainm ri pàipeir a bhi dìleas gu bàs. Le mì fhortan a thaobh-eigin, thainig am pàipeir so gu lamhan Chaiptein Chaimbeul, Ghleann-lìobhan, a bha mu mhurt Ghlinne-comhann, a fuireach ann an Inbhirlòchuidh. Cha robh fios aig na maithean a chuir an làmh ris ciamar gheibheadh iad air ais e, agus ghuidh iad air Rob, as leth Dhia, feuchainn ris. Thug Rob an Gearastan air. Fhuair e mach an latha bha ’m pàipeir ri chur chum an Righ do Dhunéidin. Choinnich e le leth-cheud diùlnach, no saighdearan, a bha ’ga ghiùlan. Tha e uatha e, agus leis a so shàbhail e iomad amhach agus iomad staid. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XV. Cha robh ana-miann sam bith a’ cur dragh orm. Agus cha mho a bha mi a’ faireachadh bioragadh de ghaol; an aite sin, is ann a bha mi ’seachnadh comunn bhoirionnach cho math ’s a b’ urrainn mi. Air latha araidh an uair a bhi mi ’coiseachd air an t-sraid, chunnaic mi comhlan bhoirionnach a coiseachd romham; agus gus an seachnadh, choisich mi sios air sraid chaoil a bha faisge orm, agus shuidh mi air aite-suidhe a thachair rium ri taobh doruis. Dluth dhomh bha uinneag anns an robh ditheanan boidheach a’ fas ann am poit. Agus an uair a bha mi ag amharc air na ditheanan, dh’ fhosgail bean uasal og cho maiseach ’s a chunnaic mi riamh an uinneag. Sheall i orm an clar an aoidainn; agus an uair a bha i ’cur uisge air na ditheanan, leig i ris na h-aona ghairdeanan cho geal ’s cho cumadail ’s a chunnaic duine riamh. Sheall i rithist orm agus fiamh gaire air a gnuis, agus anns a’ mhionaid thuit mi ann an trom ghaol oirre. An deigh dhi an t-uisge a chur air na ditheanan, agus sealltainn orm aon uair eile le suil bhlath, dhuin i an uinneag, agus dh’ fhag i mise ’nam shuidhe an sid ’s mi ann an iomacheist do-labhairt, anns an robh mi air a bhith car uine mhath mur b’e gu ’n cuala mi farum chasan each a’ tighinn an nuas an t-sraid. Thog mi mo cheann, agus chunnaic mi aon de dh’ ard mhaithean a bhaile a’ tighinn ’s e marcachd air miulaid, agus sianar dhe sheirbhisich ’na chuideachd. Thainig e air lar aig dorus an taighe anns am faca mi a’ bhean uasal og a dh’fhosgail an uinneag, agus chaidh e steach. Thuig mi uaithe so gu ’m b’e athair na maighdinn oige a chunnaic mi aig an uinneig. Chaidh mi dhachaidh ann an suidheachadh inntinn gle neo-choltach ris mar a bha mi an uair a dh’fhalbh mi. Bha m’ inntinn buileach glan fo bhuaireas, gu sonraichte o nach robh mi ’na leithid de shuidheachadh riamh roimhe. Chaidh mi do ’n leabaidh ’s mi ann am mullach fiabhruis a dh’ fhag mo chairdean uile fo mhor dhragh inntinn mu m’ thimchioll; oir bha meas mor aca orm, agus ghabh iad eagal gu leor an uair a chunnaic iad cho ealamh ’s a thainig an trom thinneas orm. Ged a ghuidh iad orm fath mo thrioblaid innseadh, cha ’n innsinn dhaibh e air chor sam bith. Chuir mo staid dragh is curam air an luchd-sgil a’ thugadh g’ am amharc, do bhrigh nach robh iad a’ tuigsinn mo ghalair, agus mur bu mhisde mi na cungaidhean a bha iad a’ toirt dhomh, cha b’ fheairrde mi dad iad. Thoisich mo chairdean ri duil thairis a thoirt dhe m’ bheatha. Ach chuala seana bhean uasal dhe mo luchd-eolais gu ’n robh mi tinn, agus thaing i g’ am amharc. Ghabh i beachd orm le mor aire, agus thuig i ciod a bha ’cur dragh orm. Dh’ iarr i air mo chairdean gu leir a dhol am mach as an t-seomar; agus mise fhagail ’na cuideachd fhein car uine. An uair a chaidh iad uile am mach as an t-seomar ach i fhein, shuidh i ri taobh na leapadh, “A mhic,” ar’ ise, “tha thu cho rag ’s gu ’m bheil thu ’cleith aobhar do thrioblaid; ach cha ruig thu leas a bhith ’g a chleith ormsa. Tha mise a’ tuigsinn do shuidheachaidh gle mhath. Cha’n fhaod thu aicheadh nach e an gaol a tha ’gad fhagail tinn. Theid agamsa air do leigheas ma dh’ innseas tu dhomh co bhean uasal fhortanach air an do thuit thu ann an gaol. Tha fhios aig gu leor gur mo a bha de ghrain agad air na boirionnach na bh’ agad de ghaol orra. Is fhad o’n a bha fhios agamsa gu ’m b’ ann mar so a bha, agus gu ’n tachradh dhut mar a thachair. Agus tha mi nis gle thoilichte air cothrom fhaotainn air faothachadh a thoirt dhut. An uair a thuirt i so bha i greis ’na tosd a’ feitheamh ri freagairt fhaotainn uam; ach ged a rinn na thuirt i rium drughadh mor orm, cha bu dana leam a h-uile smaointean a bha ’nam chridhe innseadh dhi. Cha tug mi freagradh sam bith dhi, ach sheall mi oirre, agus tharruinn mi osna throm. “An e an diuididheachd a tha ’toirt fuireach samhach?” ars’ ise, “no an e cion ’s nach ’eil earbsa gu leor agad annamsa? Na cuir ann an teagamh nach dean mise mar a tha mi ’gealltainn. Dh’ innsinnse dhut mu iomadh duine og dhe do luchd-eolais a bha anns an aon suidheachadh riutsa agus do ’n d’ thug mise faothachadh.” Dh’ innis an t-seana bhean choir dhomh moran de nithean eile; agus mu dheireadh thug i orm gu ’n d’ innis mi dhi gu saor aobhar mo thrioblaid, agus far am faca mi a’ bhean uasal og air an do thuit mi cho trom ann an gaol. Thuirt mi mu dheireadh mar so:—“Ma theid agad air cothrom a thoirt dhomhsa air aon sealladh eile fhaotainn dhe ’n bhoirionnach ro mhaiseach ud, agus ma leigeas tu ris dhi gu ’m bheil mise gus a bhith marbh leis a’ ghaol a th’ agam oirre, faodaidh tu ’bhith cinnteach gu ’m bi mi gle thaingeil dhut.” “A mhic,” ars’ ise, “is aithne dhomh bhean uasal og gle mhath; is i, mar a tha thu smaointean, nighean an fhir cho ard suidheachadh ’s a th’ anns a’ bhaile. Cha ’n eil e idir a’ cur ioghnaidh orm gu ’n do thuit thu ann an trom ghaol oirre. Is i an aon bhean uasal a ’s maisiche a th’ ann am Bagdad. Ach tha i anabarrach mor aisde fhein, agus tha eagal orm nach bi i furasda dhuinn faighinn ’na luib. Tha fhios agad gu ’m bheil gach breitheamh ’s a bhaile a’ cumail anabarrach teann ris an lagh a tha ’bacadh do na boirionnaich a dhol am mach as na taighean, no iad fhein a nochdadh ann an lathair firionnaich sam bith; agus anns a’ chuis so, tha iad gu sonraichte ro fhaicleach mu thimchioll an teaghlaichean fhein. Tha athair na mna uasail ud na ’s cruaidhe anns a’ chuis so na breitheamh sam bith eile a th’ anns a’ bhaile. Tha iad an comhnuidh a’ teagasg dha’n cuid nighean, gur e cionta ro mhor a th’ ann an aghaidh a nochdadh do dh’ fhirionnach sam bith. Agus o ’n a tha am beachd so aig na h-igheannan fhein, cha ’n amhairc iad air fear sam bith an uair a bhios iad a’ coiseachd air an t-sraid. Cha ’n ’eil mi cinnteach gu ’m bheil nighean an ard-breithimh dhe ’n bheachd so, ach a thaobh a h-athar tha eagal orm gu ’n tachair iomadh duilighideas rium. B’ fhearr gu’n do ghabh thu gaol air te eiginn eile. Na ’n d’ rinn thu sin, cha bhiodh e duilich dhomhsa cuisean a chur an ordugh. Coma co dhiubh, ni mise gach ni a ghabhas deanamh gus thusa a thoirt as an trioblaid ann am bheil thu. Ach bheir e uine dhiom. Glac thusa misneach, agus cuir d’ erabsa annamsa.” Ghabh an t-seana bhean a cead dhiom, agus dh’ fhalbh i. Agus an uair a thug mi gu curamach fa near na duilighideasan air an robh i ’bruidhinn, bha leithid a dh’ eagal orm nach rachadh cuisean leatha ’s gu ’n d’ fhas mo thrioblaid cho trom ’s a bha i roimhe. An la-iar-na-mhaireach thainig i far an robh mi, agus dh’ aithnich mi air a h-aghaidh nach robh naigheachd math sam bith aice dhomh. Labhair i rium mar so: “A mhic, cha robh mi meallta ’nam bharail, tha ni eile ann a ’s duilighe dhomh a thoirt as an rathad na furachlas a h-athar. Thuit thu ann an gaol air creutair gun fhaireachadh. Tha i ’gabhail tlachd mor ann a bhith ’toirt air a h-uile fear a chi i tuiteam ann an gaol oirre; ach an uair a thuiteas iad ann an gaol oirre cha toir i misneach sam bith dhaibh. Chord mo chainnt-sa rithe gle mhath fhad ’s a bha mi ag innseadh dhi gu ’n robh thusa gus a bhith marbh leis a’ ghaol a ghabh thu oirre. Ach cha bu luaithe a thoisich mi ri iarraidh oirre cothrom a thoirt dhut air bruidhinn rithe na thainig gruaim eagallach air a gnuis. “Tha e gle dhana dhut,” ars’ ise, “teannadh ri iarraidh ormsa a leithid sin a dheanamh. Tha mi toirt ordugh teann dhut gu’n d’ aghaidh a nochdadh an so air son a’ cheart aobhair a rithist.” “Ach na caill thusa do mhisneach,” ars’ ise, “cha ’n eil e furasda mo mhisneach a thoirt uamsa. Ma bhios foighidin agadsa, tha dochas agamsa gu ’n teid a’ chuis leam gu math fhathast” Gus an sgeul a chur an giorrad, ars’ an duine og, thug an t-seana bhean choir iomadh oidhirp mu ’n deachaidh cuisean leatha. Leis na dh’ fhuiling mi de dhragh inntinn, dh’ fhas mo shuidheachadh na bu mhiosa na bha e riamh. Thug na lighichean duil thairis dhiom buileach glan. Bha na h-uile a’ smaoineachadh gu ’n robh mi anns na mionaidean deireannach an uair a thainig an t-seana bhean. A chum nach cluinneadh neach sam bith i, thuirt i rium ann an cogar, “Cuimhnich gu ’m bheil duais agad ri thoirt dhomhsa air son na naigheachd mhath a th’ agam dhut.” Thug na briathran so misneach anabarrach dhomh; dh’ eirich mi air m’ uilinn anns an leabaidh, agus le mor aoibhneas thuirt mi, “Gheibh thu do dhuais gun teagamh sam bith, ach ciod an naigheachd a th’ agad dhomh.” “Fhir mo ghraidh,” ars, ise, “cha ’n fhaigh thu bas a dh’ aithghearr. An uine ghoirid bidh de thoileachadh agamsa gu’m faic mi thu ann an deadh shlainte; agus bidh tu gle thoilichte dhiomsa. B’ e ’n de Di-luain, agus chaidh mise far an robh bean do ghraidh. Bha i gle aoidheil. Cho luath ’s a chaidh mi steach leig mi orm gu ’n robh mi anabarrach muladach, agus bha mi ag osnaich agus a sileadh nan deur. “Mo mhathair mhath,” ars’ ise, “ciod a tha ’cur dragh ort? C’ ar son a tha thu cho mor fo mhulad?” “Ochan! a bhean uasal urramach,” arsa mise, “bha mi an (Air a leantuinn air taobh 206.) [TD 204] [Vol. 7. No. 26. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 20, 1899. SIUBHAL NA BLIADHNA ’N UIRIDH. Is e ’chomhairle ’s fhearr a tha gach bliadhna ur a tabhairt oirnn, gu bheil sinn ri mearachdan, ’us mi-fhortain, ’us deuchainnean na h-aimsir a dh’ fhalbh a chur ann an di-chuimhne; ’s gu bheil sinn le cridhe togarrach, dochasach, eutrom ri laithean na bliadhna uir, leis gach obair, ’us cruadal, ’us gniomh a bhuileachas i oirnn, a mhealtuinn agus a ghnathachadh. Tha e fior gu leoir gu tig maith mor do gach neach a ghabhas beachd mhionaideach air na miosan a dh’ aom. Chi sinn air an doigh so ciamar ’s urrainn duinn slighean mearachdach ’us neo-tharbhach a threigsinn, agus ar long a stiuradh air fairge chiuin, shamhach, thlachdmhor, far nach ruig tonnan beucach no sruthan gaireach sinn. Thig e dhuinn, am feadh a tha MAC-TALLA coir, laghach ag eigheach fathast, “Bliadhna mhaith ur duit,” ar n-aghaidh a thionndadh ris an uine ’tha air thoiseach oirnn, agur ar n-inntinn a steidheachadh air dichioll ’us gaisge ’dheanamh, agus air a’ mhaith a’s modha ’s a’s fhearr a chur an gniomh. Is ciatach briathran Thormoid Mhic Leoid, mu ’n bhliadhna uir: “Tha air tus ceathrar ann de fhlaithean arda—an t-Earrach, an Samhradh, am Fogharadh ’s an Geamhradh. Maille riutha so, thugadh cuireadh do na cinn-fheadhna mheasail, na Miosan—da mhios-dheug na bliadhna; agus thigeadh na h-uaislean urramach sin, na Seachduinean, maille riutha; agus abraibh riutha gur e mo thoil gu ’n tugadh iad an ceatharnaich ’s an daoine leo—na Laithean uile. Rachaibh a mach, mata, agus thugaibh cuireadh agus fialachd dhoibh uile. Falbhaidh gu luath, mo ghillean-frithealaibh neo-sgith, nach d’ rinn moille riamh, agus gairmibh gach aon duibh an lathair luchd-cuirme na bliadhna uire.” Faodhidh a’ bhliadhna ur a bhi ri monmhur do bhrigh, ged nach do thoisich i air a cuairt a ruith, gu d’ fhuair i dileab air nach ’eil aice meas no gradh, on bhliadhna ’chaochail. Cha robh an cuan luasganach riamh air a chradh le sumainnean a’s duirche ’s a’s bagraiche na tha ’deanamh an t-saoghail gu leir neulach ’us trioblaideach an diugh. Anns an deireadh fhogharaidh thoisich Breatunn le dealas iongantach air uidheamachadh mor a dheanamh airson cogaidh air muir ’s air tir. Tha fiosrachadh againn a nis gur iad na Frangaich, leis gach amaideachd a bhuineas doibh, ’us leis gach tlachd a tha iad a gabhail ann an oilbheum ’us tamailt a charamh air Breatunn, a bhrosnaich luchd-riaghlaidh na rioghachd sin am feachd a chur ann an ordugh smachdail, surdail; oir thaing iad gus a’ chomh-dhunadh nach giulaineadh iad ni b’ fhaide le tnu ’s gamhlas nam Frangach; agus mur faigheadh iad ceartas ann an doigh shiobhalta, gu tairneadh iad an claidheamh as a thruaill. Bhuadhaich Breatunn anns an Eiphit; agus, ged dh’ fhaodas monmhur a bhi thall ’s a bhos, fanaidh Breatunn anns an Eiphit, agus ni a sheirbhisich iomadh, iomadh beannachadh eile ’chosnadh do ’n Eiphit ’us do ’n Shoudan. Thainig an t-àm o cheann fada anns am bu choir do na Frangaich Newfoundland fhagail. Tha iad deonach a nis air airgiod a ghabhail airson an t-eilean ud a threigsinn gu brath. Tha dochas aig MAC-TALLA ’s agam fein gu fag na Frangaich ann an uine ghearr an t-eilean ud, ’us gu tig an eilean a stigh do theaghlach mor, laidir, beartach Chanada. Bhitheadh an t-eilean an diugh moran ni ’s fhearr, ’us ni ’s treise, ’s ni ’s sealbhaiche na tha e, nam bitheadh e ann an achlais dhaimheil Chanada bho cheann aona bliadhna deug thar fhichead. Tha dragh nach ’eil idir faoin no beag ann an Siam agus ann an China eadar an Fhraing ’us Breatunn. Tha na Frangaich ’n an duthaich fein a’ fas ni ’s lugha ann an aireamh gach bliadhna. Is coma leotha taobh a’ ghealbhain ’fhagail; agus air an aobhar so cha ’n ’eil iad iarrtuiseach air an fhearann a tha iad a’ faotainn ann an Asia ’s an Africa le doighean fiara ’chur gu feum cliuiteach air bith. Tha na fearainn ud, a’ cosd fuathas airgid do na Frangaich, agus tha daoine tuigseach ’n am measg ag radh le gliocas dealbhach gur fearr do luchd-riaghlaidh na duthcha stad de ’n farpuis le Breatunn thall ’s a bhos; oir is e call is mi-run a tha iad a’ faotainn airson an saothrach mi-chliuiteach. Tha, mar an ceudna, anns an Transbhaal stairirich a rithist. Cha ’n ’eil an t-am fada air falbh anns am feum Breatunn ard-uachdaran na tire ud, crioch a chur air riaghladh Chrugair agus nam Boerich, agus air saorsa ’s ceartas aisig do gach fine ’tha ’tuineachadh anns a chearna so de Africa mu dheas. Is e dileab bhochd, dhraghail a dh’ fhag a’ bhliadhna ’n uiridh aig a bhliadhna og, ur, ann an gnothuichean ciogailteach, duilich na Frainge ’s Africa fein. Thainig crioch fa-dheoidh air iorghuill nan Creiteach. Tha Prionnsa Seoras na Greige ’na uachdaran air Crete, le comhnadh ’us deoin nan rioghachdan a tha ’gabhail curaim de ’n eilean ud. Thainig crioch air ughdarras mosach nan Turcach. Soirbhichidh leis an uachdaran ur; oir nochdaidh e agus ni e ceartas do gach fine ’s do gach neach ann an Crete. Chaidh Iompaire na Gearmailt air turus gus an aird’ an ear. Rainig e Ierusalem; leag e bunait eaglaise, ’s rinn e oraid anns an d’ rinn e luadh air a’ ghradh ’s air an tearuinteachd a tha e daonnan ag altrum agus a’ nochdadh do luchd-aiteachaidh na Gearmailt gu leir. Chaidh e gu baile mor nan Turcach air a shlighe. Bha ’n Sultan ’s e fein co baigheil, cairdeil ’s a b’ urrainn a bhi. Mhol e ’n Sultan gu maith ’us gu ro-mhaith; oir, a reir coslais, dhi-chuimhnich e gur e uachdaran bruideil, mi-sheirceil, mosach a tha, gun amharus air bith, ann an Sultan nan Turcach. Cha ’n ’eil iongantas idir gu bheil moran daoine cneasda, carthannach a’ faotainn coire anabarrach do Iompaire luaineach na Gearmailt airson gach baigh ’us cairdeas a nochd e do namhaid guineach nan Criosduidhean ann an Armenia ’s ann an aitean eile. Ma dh’ fhaoidte gur ann air oirean a’ chuain shamhaich, agus gu sonruichte ann an China, ’tha ’n cunnart a’s modha gu bi cogadh ann mun tig a’ bhliadhna ur gu ’crioch. Tha iarmailt China ag atharrachadh o sheachduin gu seachduin. Tha Ruisia ’s an Fhraing gun tamh gun sgios a’ feuchainn ri sealbh ’fhaotainn air roinn ’us duais bho luchd-riaghlaidh breoite, bochd na tire ainmeil ud. On tha Breatunn, na Staidean agus Iapan ann an dluth chairdeas; agus on tha iad ag altrum beachdan a tha co-ionnan mu China, tha dochas againn nach bi cogadh fuileachdach eadar na rioghachdan anns an airde ’n ear. Is ainneamh, ma ta, a’ fhuair blladhna ur air bith dileab co trioblaideach, bagrach ’s a fhuair a’ bhliadhna og a tha fathast am moch thrath a turuis bho ’n bhliadhna ’chaidh roimpe. Gu cinnteach cha ’n ’eil an t-am am fagus fathast anns am “buail na cinnich an claidhean gu coltair, agus an sleaghan gu corranaibh sgathaidh.” ' CONA. Gheibh thu am MAC TALLA agus am Family Herald and Weekly Star fad bliadhna air son dolar gu leth. Gheibh thu mar an ceudna dealbh “The Thin Red Line,” a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, agus a bu chòir a bhi aig a h-uile Gàidheal ’na thigh. ’S ann air son cothrom a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA an dealbh sin fhaotainn a tha’n tairgse so air a toirt seachad. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. [TD 205] [Vol. 7. No. 26. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha nighean ann am Parrsboro, N. S., Anna Phatterson, aois shia bliadhn’ deug, a tha sia troighean us da òirleach a’ dh’ àirde. Nach i bhios mor nuair a ruigeas i a meudachd. Toiseach na seachdain ’sa chaidh, bha gille beag ann am baile Halifacs air a losgadh cho dona ’s nach robh e beò ach beagan uairean de thim as a dheigh. Cha robh e ach da bhliadhna dh’ aois. Chaidh cùisean na b’ fhearr le luchd-gnothuich Chanada air a bhliadhna dh’ fhalbh na chaidh leotha o chionn àireamh bhliadhnachan. Cha robh idir uiread ’sa b’ àbhaist a bristeadh no a sgur a bhi cur air adhart gnothuich. Tha Mr. Mac Gille-mhicheil, ann an New Glasgow, an deigh an t-aite-suidhe a chaidh a thairgse dha anns an t-Seanadh a ghabhail, ged chaidh an sgeul mu’n cuairt an toiseach nach robh e dol ’ga ghabhail idir. A reir na tha sinn a cluinntinn, tha e ’na dhuine tha gle fhreagarrach air son a bhi an àrd-pharlamaid na dùthcha. Tha fuachd mor aca ann an Cuebec agus an iar air sin. Ann am Montreal, aon latha toiseach na seachdain ’sa chaidh, bha e 35° fo zero; ann an Rat Portage, an Ontario, bha e cho iseal ri 50°. Anns a chearna so dhe’n dùthaich cha deach e na b’ isle na 9°, air chor ’s nach eil sinn idir cho dona dheth ’sa tha iadsan a tha fuireach ceudan mile ’n iar oirnn. Riamh o’n chaidh roinnean Chanada aonadh ri cheile anns a bhliadhna 1867, ’s ann air an Ard-riaghladh a bha cùram an iasgaich, ach thathas a dheanamh a mach a nise gur ann do riaghladh nan roinnean a bhuineas an t-iasgach, agus gu feum iad a chùram a ghabhail an ùine ghoirid, ’se sin iasgach nan aibhnichean, nan lochan, agus na nitheai air muir cho faisg ri tri mile air tir. Tha soitheach-smùide air a h-ùr-thogail ann am Belfast, an Eirinn, a tha seachd ceud us ceithir troigh a dh’ fhad. Tha i ceithir troighean fichead na’s fhaide na bha an Great Eastern, agus na’s motha na i air gach dòigh. ’Se ’s an ainm dhi an Oceanic, agus bha i air a cur air sàl a cheud uair Di-satharna s’a chaidh. Tha i dol a thigh’nn a nall air a chuan mhor a dh’ America an ùine ghoirid; dh’ fhaoidte gu’m bi i bhos mu ’n ruith seachdain. Tha e ’na mhasladh mòr do na Stàitean nach urrainn dhaibh casg a chur air na crochaidhean mi-laghaìl a tha dol air adhart na h-uile bliadhna. Air a bhliadhna ’sa chaidh bha sia fichead duine sa h-aon air an cur gu bàs air an dòigh so, gun lagh no ceartas fhiachainn riutha. Bha moran de na daoine truagha sin neo-chiontach, no air a chuid bu mhiosa, ciontach de nithean nach robh toillteannach air bàs. Bha ceud ’sa tri dhe’n àireamh so air an cur gu bàs anns na Stàitean a deas, agus bu daoine ’s mnathan dubha ceithir fichead ’sa h-aon deug. Cha’n eil ach an droch chàramh air an duine dhubh anns na Stàitean a deas. Chaidh àireamh dhaoine a chur an greim ann an Toronto air an t-siathamh latha dhe ’n mhios so air son a bhi gabhail airgeid o mhuinntir air an robh iad a thoirt a chreidsinn gu robh comas aca air fiosrachd a dheanamh. Tha an lagh fo’m bheil iad air an cur an greim a’ cur cain ceud punnd Sasunnach agus bliadhna priosain mar pheanaist air neach sam bith a gheibhear ciontach de na thatar a’ cur as an leith. Rinneadh an lagh sin ri linn righ Deorsa II. Tha moran de luchd fiosachd ’s de luchd cheairdean eile mar sin air feadh na dùthcha, a deanamh beòlaind mhi-onarach air gòraiche muinntir eile, agus bu mhath gu’n rachadh casg a chur orra. Ma tha muinntir nan Stàitean beairteach, tha feum ac’ air. Chosg an cogadh beag a bh’ eadar iad fhéin ’s an Spàinn da cheud gu leth muillionn dolair. Bha chuid a b’ fhearr de bhaile Bridgewater, N, S., air a sguabadh air falbh le teine seachdain gus am raoìr. Bha da fichead tigh ’sa tri air a losgadh gu làr. Tha an call gle mhor. Tha pàrlamaid Nova Scotia ri bhi air a fosgladh air Dior-daoin, an darna latha de’n ath mhios. Cha’n eil e coltach gu ’m bi i cruinn ùine fhada, oir cha’n eil fior mhoran gnothuich ri bhi air a dheanamh. Chaochail an t-Urr. Tearlach Chiniquy, D. D., ann am Montreal, Di-luain s’a chaidh beagan romh dheich uairean ’sa mhaduinn. Bha e tinn leis a ghrip o chionn treis a dh’ ùine, agus cha robh mor dhùil gu’n rachadh e am feobhas. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois. Shill roinn mhath sneachda air an t-seachdain so, agus tha nise deagh rathad shleigheachan ann. Bheir sin fuasgladh mor do mhuinntir na dùthcha, a bha o chionn treis a dh’ ùine air an cumail o mhoran gluasaid a dheanamh leis na droch ròidean. Bha an sneachda na bu phailte agus na ròidean gu math na b’ fhearr roimhe so air taobh an iar an eilein na bha iad air an taobh so. Oidhche Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh, chaidh an tigh aig fear Deòrsa Flemming ann am bràigh Mosquodoboit, N. S., na theine, agus bha a bhean ’s dithis dhe’n chloinn air an losgadh gu bàs. Cha robh anns an duine b’òige dhe’n chloinn ach pàisde, deich latha dh’ aois; bha am fear eile mu dha bhliadhna. Bha ceathrar eile de chloinn ann a fhuair as le ’m beatha; cha robh an t-aon bu shine ach ceithir bliadhn’ deug a dh’aois. Bha Flemming fhéin aig an àm anns a choille a gearradh connaidh. Thatar a nise cumail sgoil oidhche anns an ard-sgoil ’sa bhaile so. Thòisich i oidhche Di-luain s’a chaidh, agus tha i ri bhi air a cumail da oidhche ’san t-seachdain fad a gheamhraidh ’s an earraich, oidhche Di-luain ’s oidhche Dior-daoin, a dol a stigh aig leth uair an deigh seachd. Tha eadar coig us deich air fhichead ’ga frithealadh cheana, agus tha duil ri barrachd math us sin a dh’ aithghearr. Tha sgoil oidhche na cothrom mor dhaibh-san a tha air son foghlum a thoirt a mach agus nach urrainn sgoil latha a fhrithealadh. Tha aon de phaipearan an eilean so, a deanamh uaill a chionn gu bheil fear-gabhail aige a tha pàighte gu toiseach a Mhàrt 1901, agus tha e ’g radh nach eil paipear eile ’n Ceap Breatunn aig am bheil sin. Tha aon fhear-gabhail aig MAC-TALLA a tha pàighte gu toiseach Aprail, 1901, agus fear eile a tha pàighte gu toiseach September, 1903. Ach mar a tha ’m paipear eile ’g radh m’a thimchioll fhéin, tha cuid de’r luchd-gabhail a tha ceart cho fada sin air deireadh. Tha iad cho fior fhad air deireadh ’s nach fhada gus am bi iad as an t-sealladh oirnn. IADSAN A’ PHAIGH. Alasdair Mac-an-t-Saoir, Catalone. Domhnull Moireastan, Ceap Nor. Bean Dhomhnuill Mhic Fàic, Framboise. Donnacha Mac ’Ille-mhaoil, Hogamah. Ruairidh Moireastan, Amhuinn a Tuath Seumas Gillios, Cùl Eilean Christmas. An t-Urr. Niall MacMhuirich, Loch Ainslie. Iain I Siosal Pictou, N. S. Alastair Màrtuinn, M. P., Valleyfield, E. P. I. Caipt. Calum Mac Leòid, Vancouver. B. C. Domhnull Mac Ille-mhaoil, Priceville, Ont. Dughall Mac Gilleain, Priceville, Ont. Calum Mac Ille-mhaoil, Priceville, Ont. D. Mac Aonghais, Mc Intyre P. O., Ont. Seumas Gillios, Gagetown, Michigan Domhnull Mathanach, New York. Calum Mac Leoid, Rockport, Mass. Iain Jack, Bombay, ’sna h-Innsean an Ear. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 206] [Vol. 7. No. 26. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 203.) drasta fhein far an robh an duine uasal og mu ’n robh mi bruidhinn riut an latha roimhe. Tha e gu bhith reidh ’s an saoghal. Tha e ’faotainn a’ bhais leis a’ ghaol a th’ aige ortsa. Is e gnothach muladach a th’ ann, tha mi ag innseadh dhut le firinn; agus tha e gle chruaidh-chridheach dhutsa nach ’eil thu a’ toirt fuasglaidh dha.” “Cha ’n ’eil mi idir a’ tuigsinn,” ars’ ise, “ciod a tha thu ciallachadh an uair a tha thu ’g radh gur e mise bu mhathair-aobhair dh’ a bhas. Cia mar a chuir mise am bas air?” “Cia mar,” arsa mise, “nach d’ innis thu dhomhsa an latha roimhe, gu ’n robh e ’na shuìdhe aig an uinneig an uair a bha thu cur uisge air na ditheanan? Chunnaic e an uair sin cho fior bhriagha ’sa tha thu. Chunnaic e an sealladh a chi thu dhiot fhein a h-uile latha anns an sgathan. O’n latha sin tha e cnamh ’sa’ dol as, agus a nis tha ’thriobhlaid air tromachadh cho mor ’s gu ’m bheil e gun duil ris.” (Ri leantuinn.) BALLA MOR RIOGHACHD CHINA Tha ’n rioghachd so air a suidheachadh taobh na h-àird-an-Ear de Asia. Tha i cùig mìle de mhìltibh air fad, agus de mhìle de mhìltibh air leud. Agus tha a luchd-àiteachaidh air an àireamh nan tri cheud gu leth muillein anam. Tha na mìltean diubhsin a’ caitheamh an làithean ann am bàtaichean a mach air aibhnichibh agus uisgeachan, far am faicear na pàistean a’ snàmh mar gum biodh sgaoth de thunnagan òg ann. Cha ’n ’eil sluagh air bìth co gniomhach, shaoithreachail ri muinntir China. Cha ’n ’eil an earrann is lugha de’n tìr gun bhi air àiteachadh, eadhon gus am mullach is àirde. Dh’ fheudamaid iomad ni iongantach ainmeachadh m’ an rioghachd so, ach théid sinn san àm air ar n-aghaidh a thoirt cunntas m’ an Bhalla mhòr dhìon, a thogadh m’an cuairt air air earrann mhòr de’n rioghachd so. ’Se ’m Balla, no Challaid so gnìomh làmh dhaoine is mò tha air uachdar an domhain, ionnas nach ’eil togalaichean mòr bharr-chaol na h-Eiphit an coimeas ris. Tha ’n obair mhòr so a’ co’-sheasamh ann am balla air a thogail le clochaibh creadha, cùig-troidhe-fichead air àirde, le barra-bhalla mar gam biodh mùr no daighneach laidir ann. Eadar an da bharra-bhalla so, tha rathad mòr a tha leathann gu leoir arson seisear mharcaichean a’ shiubhal taobh ri taobh. Aig ceann gach ceud slat tha tùr laidir, dà fhichead troidh ceithir-chearnach, (’s e sin dà fhichead troidh air gach dòigh), air mullach a bhalla; agus tha’n rathad mòr a’ dol fo na tùir àrda so, mar fo bhogha drochaid. Anns na tùir sin tha cairtealan aig na saighdearan uair air bith a ghairmear iad chum am Balla dhìon. Anns an astar anabarach a th’ eadar dà cheann a Bhalla so, tha sia mile fichead tùr, agus ge nach biodh ach leth-cheud fear anns gach tùr, ghabhadh e aon mhnillein, agus trì cheud mìle saighdear, gus am Balla chur na làn uidheam. Tha stéigh a Bhalla so air a leagadh le sreathaibh de chlochan a tha anabarrach mòr. O thoiseach gu dheireadh tha e còig-ceud deug mil’ air fad, ann an cuid a dh’ áiteachaibh tha e ruigheachd thar na monaidhean is àirde, agus a’ tearnadh tre na glinn is isle. Tha e dol thairis air na h-aibhnichean is mò agus is buaireasaich, agus ann an cuid de àitean, tha e air a dhùblachadh agus air a thrìbleachadh, chum a dheanamh ni ’s tearuinte. Ach cha ’n e meud a Bhalla so uile gu leir a tha na chùis iongantais, ach an doigh anns am b’ urrainn doibh an goireas chum a dheanamh, a thoirt do gach àite docair air an robh am Balla so air a thogail. Tha aon bheinn air a bheil e dol thairis mìle troigh ni ’s àirde na Beinn-ibheis, a Bheinn is àirde a tha ’n Breatunn. Tha nis os ceann dà mhìle bliadhna o thogadh am Balla-dìon so, agus tha e gus an là an diugh co daingean laidir, do réir coslais, ris na beannta air a bheil e dol thairis. Tha iad ag ràdh gun robh gach treas fear ann an China ga thogail, agus nach do ghabh iad ach cùig bliadhna ga chur suas. Chum gne bheachd a thoirt duinn air an obair mhòir so, a tha air a meas le ceartas, a measg iongantasaibh an t-saoghail, tha daoine foghluimte deanamh dheth, gu bheil de chlachan ’s de dh ’aol ’sa Bhalla so, na thogadh balla sia troidhean air àirde, agus dà throidh air leud, a bhitheadh leth-cheud mìle de mhìltibh air fad (50,000) agus a reir so, a rachadh da chuairt timchioll an t-saoghal. CEUD MHORAIRE BHRAIDEALBUIN. B’e a’ cheud mhoraire do’n teaghlach so Sir Iain Caimbeul, agus rinneadh ’n a Iarl’ e anns a’ bhliadhna 1681. Phòs e anns a’ bhliadhna 1657, ban-Sasunnach na’m b’ ainm Màiri Rich. Bha aice so deich mile punnd Sasunnach do thochair—suim ann-bharrach ’s an àm sin. Bha iomadh aon ag iarraidh a pòsadh; ach roghnaich i an Gàidheal, Sir Iain Caimbeal Ghlinn-Urchaidh. An déigh dhoibh pòsadh, dh’ fhàg iad Lunnuinn, agus thug iad orra Tigh Bhealach, àite-còmhnuidh an teaghlaich; ach cha’n ann an carbad cheithir each, no idir air slighe-iaruinn ach esan agus ise air an aon ghearran! Air gearran eile chàirich e na deich mile pùnnd Sasunnach ann am buinn oir, agus Gàidheal math làidir fo làn armaibh air gach taobh do ’n each air an robh eallach luachmhor, ga dhìon agus a’ coiseachd a h-uile céum a Lunnuinn gu Tigh Bhealaich. Ràinig iad gu tèaruinte. ’S an t-seana chaisteal bha ri fhaicinn an seòmar anns am b’ àbhaist do’n charaid so an dà chuid cadal agus ithe. Cha ’n ionann ’s an caisteal àrd eireachdail tha nis aig an teaghlach so! Chaochail am Moraire so ’nuair bha e as-ceann ceithir fichead bliadhna dh’aois. ’S ann mu ’n mhòr-fhear so thuirt neach àraid ann an litir tha fhathast air mhairionn—“Tha e co stòlda, shuidhichte chiallach, ri Spàinteach—co teòm, sheòlta, charach, lùbach, ri sionnach—co glic ri nathair—agus co sleamhuin ris an easguinn.” Thogadh a’ cheud chaisteal, ris an abradh iad Tigh Bhealaich, a nis Taymouth, anns a’ bhliadhna 1570, air fior oisinn na h-òighreachd. “C’arson,” arsa neach àraid ris-san a thog e, “nach do chuir thu do thigh am meadhon na h-òighreachd, an àite chur air iomall an fhearainn?” “Air t-athais,” ars’ esan, “’s e ’n t-iomall e air an àm ach cha’n fhàda gus an sìn mi an oighreachd ann rathad eile.” Agus rinn e sin, mar a dh’ fhiosraich Clann-Ghriogair thruagh, agus iomadh cinneadh eile. DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. Ni creideamh beò drochaid thairis air Iordain a’ bhàis. Am Feillire. IANUARAIDH, 1899. 1 DI-DONAICH La na Bliadhn’ Uire. 2 Di-luain Crunadh Tearlach II. 1651. 3 Di-mairt Bas an t-Seanalair Mone, 1670 4 Di-ciaduin 5 Dior-daoin An t-seann Nollaig. 6 Di-haoine La nan Tri Righrean 7 Di-satharna 8 DI-DONAICH Donaich nan Tri Righrean 9 Di-luain 10 Di-mairt 11 Di-ciaduin Bàs Mhic Mhic Alasdair, 1828 12 Dior-daoin 13 Di-haoine An fhéill Mhungo. 14 Di-satharna 15 DI-DONAICH (II) Donaich nan tri Righran 16 Di-luain Bàs Shir Iain Moore, 1809. 17 Di-mairt Là na h-Eaglaise-brice, 1745 18 Di-ciaduin Iompachadh an Abstoil Pòl 19 Dior-daoin 20 Di-haoine 21 Di-satharna 22 DI-DONAICH 3 Donaich nan Tri Righrean 23 Di-luain 24 Di-mairt 25 Di-ciaduin Breith Raibeart Burns, 1759 26 Dior-daoin 27 Di-haoine An fhéill Naile. 28 Di-satharna 29 Di-luain 4 Donaich nan Tri Righrean 30 Di-mairt 31 Di-ciaduin Bas Phrionnsa Tearlach 1788 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 7 F An Solus Ur, L. 11, U. 6, M. 36 F A’ Cheud Chairteal L. 18, U. 0, M. 22 F An Solus Lan, L. 26, U. 3, M. 20 F EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE>gai> feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. ’NUAIR THEID THU ’BHADDECK TAGHAIL AN STOR Albert I. Hart. Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, Agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 207] [Vol. 7. No. 26. p. 7] RABHADH. Chuireadh an cunntas a dh’ ionnsuidh gach aon a bha air deireadh ann am pàigheadh MHIC-TALLA o chionn dha no tri mhiosan air ais; ach tha àireamh mhor o nach d’ fhuair sinn fios-freagairt sam bith fhathast, a dh’ innse ciod a bha ’nam beachd a dheanamh. Tha sinn a toirt rabhaidh dhaibh sin, nach leig iad a leas suil a bhi aca ris a chòrr dail. Uaithe so a mach tha againn ri postachd a phàigheadh air a phaipeir gach seachdain, agus air an aobhar sin cha ’n urrainn dhuinn leantuinn air a bhi ’ga chur gu muinntir nach ’eil a pàigheadh air a shon. Ach air son cothrom a thoirt do na h-uile, cha chuirear stad air paipeir neach sam bith gu toiseach Februaraidh. An uair sin bidh ainmean na muinntir nach eil a pàigheadh air an toirt bhar nan leabhraichean. Tha sinn an dòchas nach bi an àireamh ach glé bheag; cha toigh leinn a bhi dealachadh ri ar luchd-leughaidh, ach ’s fheudar dhuinn dealachadh riuthasan nach dean an dleasanas. Tha eud gun eòlas a’ falbh air thuairme. Cha ’n ’eil fhios aig neach sa maith co an taobh a ghabhas e, no idir ciod an t-olc a dh’ fhaodas e dheanamh. Bha creideamh riamh ’n a mhàthair-aobhar air gach ni iongantach a rinneadh air an talamh. Is e creideamh a threòraich Columbus gu ruige America. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. AR STOC GEAMHRAIDH. SLEIGHEACHAN. Air an deanamh leis a Chanada Carriage Co. An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh. ACUINN. Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr BEIN. An “Saskatchewan Buffalo.” CLUIG agus CUIPICHEAN. Dhe gach seorsa. BRATAN-EACH. Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean. Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 208] [Vol. 7. No. 26. p. 8] NA GAIDHEIL AGUS A GHAILIG. Tha aon de ’r leughadairean a’ gabhail ioghnaidh nach eil e ’faicinn uair no uair-eigin ainm neach sam bith á baile àraidh nach leigear a leas ainmeachadh am measg na feadhnach a phàigh MAC-TALLA. Tha àireamh mhor Ghàidheal anns a bhaile sin agus timchioll air; ach cha ’n aithne dhuinn gu bheil aon ’nam measg a’ gabhail MHIC-TALLA. Bha uair a chuireadh sin ioghnadh oirnn, ach cha chuir e ioghnadh sam bith oirnn a nise; tha sinn air fàs cho chleachte ris. Nuair a thòisich sinn air cur a mach MHIC-TALLA bha dùil againn ri cuideachadh o iomadh aon d’ am bu choltach cuideachadh a dheanamh leinn, ach a mheall oirnn. Cho deònach ’s gu ’m bheil sinn air a bhi moladh nan Gàidheal, ’s fheudar dhuinn aideachadh gu bheil moran dhiubh nach eil ach gle shuarach mu chainnt an dùthcha, ni nach eil ’na chùis-mholaidh dhaibh idir. C’ar son nach eil àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dheich no fhichead uiread ’sa tha e? A chionn nach eil na Gàidheil cho measail air an cainnt ’s bu chòir dhaibh a bhi. LITIR A MANITOBA. A MHIC-TALLA CHOIR,—’S ann agad féin a tha an fhoighidin, a sgriobhadh ’s a tagradh, a tagradh ’s a sgriobhadh, a’ cur impidh air Gàidheil rag-mhuinealach, da ’mise an ceud fhear. Tha thu a’ cur am chuimhne am boirionnach a bha teachd a chum a bhreitheamh eucoraich—bha i sior theachd gus an tug i buaidh. Sin direach mar dh’ eirich dhuitse: tha thu tighinn agus a tighinn, agus gu cinnteach ’s e breitheamh glé eucorach nach géilleadh dhuit fadheòidh. Tha nàir orm féin agus meirg air mo pheann; ach creid mi, cha bhi aig mac màthar a leithid so de mhi-chùram ri chur as mo leth-sa tuilleadh. Bliadhna mhath ùr dhuit, fhir a chinn leith. Tha an aimsir air leth fuar anns na làithean so, agus tha moran de ’n t-sluagh a gearain. Tha moran Ghàidheal feadh Mhanitoba. Cha ’n ’eil taobh an tionndaidh mi nach tachair mi ri fir agus mnathan a ni gàirdeachas ’nuair a labhras mi riutha ann an cànan Gàradh Eden. “A mhinisteir, am bheil a Ghàilig agaibh da rireadh?” Creid thusa mise, cha bhi fuachd no acras air mac mo mhàthair cho fad ’sa bhitheas muinntir tir nam beann dlùth air laimh. Dlùth oirnn ann an so tha moran Ghàidheal: Clann Illeathain, Cleirich, Clann Mhic Illemhicheil, Clann Mhic Lachluinn, Domhnullaich agus Clann Mhic Challuim. Tha an t-Urr Coinneach Gollan, á Hilton, airson mios ann an coithional Dhunbheagain, Gleann-garaidh. Thainig Mr. Gollan air tus á Lochabar. Chaidh an t-Urr. Eachunn Mac Illeathain, a ghairm gu ruige Newdale. Cha robh beag no mor anns a choithional nach do chuir impidh air Mr. Mac Illeathain gu teachd d’ an ionnsuidh. Thainig Eachunn Mac Illeathain á Gleanndàil, an Duirinish. ’S e luchd Beurla a tha anns a choithional air fad. Tha Ruaraidh Mac Illios, Ailean Moireastan, Donnacha Mac Leoid agus Raibeart Mac Ille-mhaoil anns an oil thigh ann am baile Bhuinipeg. Thainig Ruaraidh Mac Illios á Uig, ’san Eilean Sgiathanach; Mac Illemhaoil á Ile; Moireastan agus Mac Leoid á Leòdhas. Cha ’n ’eil na Gàidheil idir air deireadh. Cluinnidh tu tuilleadh uam mu Ghàidheil Mhanitoba an ùine aithghearr. Is mi do charaide, MANITOBA. FAS AGUS PISEACH ORT! A CHARAID,—Tha mi a cur dolar g’ ur n-ionnsuidh air son MHIC-TALLA. Tha am paipear a còrdadh rium gu math; tha daoine gasda a sgriobhadh moran de nithean nuadh agus sean a tha gle mheasail agam. Cha ’n eil a Ghàilig marbh fhathast. Tha moran ri innse m’a deibhinn agus mu na Gàidheil; agus bheir sinn cliù dhaibhsan a ni innse dhuinn ’nar cainnt fhéin. Fàs agus piseach ort! Agus bliadhna mhath ùr dhut fhéin agus dhaibhsan a tha sgriobhadh do ’n MHAC-TALLA, agus dhaibhsan uile a tha ’ga leughadh. Do charaide, ALASDAIR MARTUINN. Valleyfield, E. P. I. Giùlain gu foighidneach leis an olc a thig ’na d’ rathad, ach biodh dòchas agad gach latha ris a’ mhath. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 209] [Vol. 7. No. 27. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 27, 1899. No. 27. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XI. SGEUL CHOINNICH ’IC COINNICH. So, ma ta, eachdraidh an dara h-òrain a ghabh an duine dhuinn:—O chionn fad an t-saoghail bha duine ann a rinn cionta anabarrach mòr, agus an uair a thugadh am mach binn a bhàis, thuirteadh ris gu ’m faigheadh e a bheatha leis nan deanadh e òran anns nach biodh aon fhacal fìrinn. Rinn an duine an t-òran, ach gu mi-fhortanach dha fhein bha dha no tri d’ ’dh’ fhacail fhìrinn ann, ged nach tug e fhein an aire dhaibh, agus chaidh a chur gu bàs. So an t-òran:— Fhuair mi nead na liath-chirce Am barr na tuinne fiadhaich; Bha ’n ròn glas a’ dol dh’ an iarmailt, Agus cliabh air bac a ghaoirdean. Tha cumha ’n déigh do ghaoil orm, Tha mulad mòr as d’ aonais; Tha cumha ’n déigh do ghaoil orm. Chunnaic mi na donnagan A’ falbh is eallaich chonnaidh orr’; An fhaochag anns an tomadaich, A’ falbh is dronnag fhraoich oirr’. Chunnaic mi na cudaigean A’ snìomh air an cuid chuigealan, A’ chorra-ghriobhach ’s buideal aice, ’Falbh an cuideachd dhaoine. Chunnaic mi na sgàireagan A’ sìor dheanamh bhuntàtà dhuinn; An deadhain-donn ’s dà ramh aige, ’Cur bàta ’n aghaidh gaoithe. Chunnaic mi na feadagan ’Nan suidh’ air beairt a’ bhreabadair, ’S na h-uiseagan a’ feadaireachd, A’ falbh a reic an aodaich. Chunnaic mi na farspagan A’ danns’ air an làr fhasgnaidh; ’Sa’ ghuilbneach agus bat’ aice, ’Si ’cur a steach nan caorach. Chunnaic mi na sùlairean A’ froiseadh anns na cùl-taighean; A’ chuthag is gu-gùg aice, ’Si toirt nan sùl a caoraich. Ma bha no nach robh an t-òran na b’ fhaide na so, cha ’n ’eil fhios agamsa. B’ iad na facail fhìrinn a bh’ anns an òran, “A’-chuthag is gu-gùg aice.” Agus gu cinnteach ceart chaidh an duine bochd gu math ris an òran, ged nach deachaidh aige air a bheatha a shabhaladh leis. Is mòr an rud a ni duine gus a bheatha shabhaladh an uair a bhios e ann an cunnart. Criochnaichidh mi na tha feumail dhomh innseadh mu’n bhanais leis an naigheachd a leanas:—Anns an àm a dh’ fhalbh bhiodh muinntir nam bailtean, ann an iomadh àite dhe’n dùthaich, a’ deanamh ghàrachan, ris an cainte ’san àm ud, gàrachan-droma. Bha càirdeas is comunn is gaol eadar dhaoine anns an àm ud nach ’eil idir ri ’fhaicinn an diugh. Anns an àm bu fhreagarraiche dhaibh, chruinnicheadh muinntir a’ bhaile, agus dheanadh iad ùtraidean thun a’ bhlàir mhònadh, gàraidhean-droma gus crodh is eich is caoraich a chumail am muigh air bràighe a’ bhaile gus am biodh am barr fo dhìon. An uair a bhiodh muinntir a’ bhaile gu bhith cruinn aig obair dhe’n t-seòrsa so, chuireadh iad maide mòr, àrd ’na sheasamh air mullach a’ chnoic a’ b’ airde a bh’ anns a’ bhaile, agus bhiodh bad de dh’ fheamainn, no ball do sheann aodach, air barr a’ mhaide. An uair a chitheadh na daoine so, thuigeadh iad gu ’n robh obair shònraichte ri dheanamh, agus gun dàil sam bith chruinnicheadh iad anns an àite anns am bu ghnàth leotha a bhith ’cruinneachadh. B’e, “am pearrsa,” an t-ainm cumanta a bh’ aca air a’ mhaide so. Ann an àite àraidh bha muinntir a’ bhaile a’ dol a thogail gàradh-droma, agus an uair a thogadh “am pearrsa,” chruinnich iad uile air mullach Cnoc-sòrnain. An uair a thug iad greis air bruidhinn mu chaochladh nithean, dh’ fhalbh iad iad gu h-aontach a dheanamh a’ ghàraidh. Bha ’n latha gu math blàth; oir b’ann eadar dhà bhealltain a bha na gàraidhean-droma ri ’n togail. An uair a thug iad greis mhath air obair, thuirt fear dhiubh gu ’m bu chòir dhaibh cur a dh’iarraidh botul uisge bheatha gus spròchain a chur annta, o’n a bha chùis coltach gu ’m biodh an dubh-oidhche ann mu ’n cuireadh iad crioch air a’ ghàradh. Dh’aontaich iad uile gu ’n robh so ceart gu leòr. Agus chuireadh Coinneach Mac Coinnich air falbh a dh’iarraidh a’ bhotuil, o’n a b’e fear bu leisge agus bu lunndaiche a bh’ anns a’bhaile. Bha’n taigh òsda còig mile air falbh, agus chuireadh gàsaidean cruaidhe air Coinneach gun e bhith fad’ air an rathad. Dh’ fhalbh Coinnich air a shòcair fhein mar bu ghnàth leis. An uair a ràinig e an tàigh-òsda thachair fear dhe na seana chompanaich ris, agus bha glaine no dhà aca mu ’n do dhealaich iad. Cheannaich e am botul, agus gun mòran dàlach thug e aghaidh air an rathad as an d’ fhalbh e. Bhuail e anns an inntinn aige uair no dhà gu ’m bu chòir dha balagum no dhà a thoirt as a’ bhotul, agus a lìonadh cho làn ’s a bha roimhe le uisge na h-aimhne; ach bha e ’cur stamhnaidh air fhein mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. O’n a bha an smaointean so a’ sìor ghreimeachadh air an inntinn aige, is e thàinig as a’ chùis gu’n d’ fhosgail e am botul air a’ cheann mu dheireadh. Thug e srùpag mhath no dhà as, agus an uair a chuir e an corc ann chuir e air an fheur ri thaobh e, agus las e ’phìob. An uair a thug e dannal air gabhail na pìobadh, smaoinich e gu ’n tugadh e srùpag mhath eile as a’ bhotul gus blàs searbh an tombaca a chur as a bheul. Chàirich e am bhotul air a cheann, agus mur robh an t-srùpag ud na bu mhò na ’n t-srùpag a thug e as roimhe sid, cha robh e dad na bu lugha. Sheall e air a’ bhotul eadar e ’s a’ ghrian, agus chunnaic e gu’n robh e an déigh faisge air an dàra leith dhe na bh’ ann òl. Cha deanadh e feum dha teannadh ris a’ bhotul a lionadh le uisge mar a bha dùil aige dheanamh an uair a bhlais e an toiseach air. An uair a smaoinich e uair no dhà air mar a bha cùisean, thuirt e ris fhein gu ’m bu cho math dha an t-earball a leigeadh leis a’ chraicionn. An uair a thug e deochag eile as a bhotul leig e e-fhein ’na shìneadh air chùl gaoithe ’s air aghaidh gréine, agus chaidil e gu trom gus an robh an oidhche air tuiteam. An uair a dhuisg e bha crith fhuachd air, agus gus e fhein a bhlàthachadh thug e deur math as a’ bhotul a rithist. Fada ’s mar a bha e aghart, chaidh aige air an taigh a thoirt am mach, an uair a bha e suas ri meadhain oidhche. Aig an àm bha fios air a dhol air feadh a’ bhaile gu’n robh Coinneach air chall, agus bha comhlan math de na fir bu treise a bh’ anns a’ bhaile air falbh ’g a mharbh iarraidh. Ged a bha eagal a cridhe air a mhnaoi gur ann marbh a gheibhteadh e, cha b’ann ’ga bheannachadh a bha i an uair a chunnaic i an staid anns an robh e. Ged a rinn Coinneach mar a rinn e, cha robh diumbadh sam bith aig muinntir a’ bhaile air. Bha e leasg, somalta gun teagamh sam bith; ach bha e cho éibhinn ’s cho cuireadach ’s nach b’ urrrainn daoine a bhith gruamaah ris. Ged a bheireadh a bhean sgoladh math de ’n teangaidh dha an uair a thigeadh e dhachaidh air leith iomall na daoraich, dh’ éisdeadh e rithe gu foighidneach. Nam fosgladh e ’bheul idir rithe b’ ann le ceathramh a ghabhail dhe ’n òran mholaidh a rinn e dhi mu ’n phòs iad. An là-iar-na-mhàireach an uair a thàinig fear no dithis de mhuinntir a’ bhaile far an robh e a dh’ fheòrach dheth c’arson nach tug e uca am botul, thuirt e riutha:—“Innsidh mise dhuibh gu saor, soilleir a h-uile car mar a dh’ éirich dhomh an dé. Choisich mi gu ruige an taigh-òsda le ceum cho cabhagach ’s a rachadh agam air a dheanamh; agus tha fhios agaibh fhein nach d’ rugadh cabhag leam. An uair a ràinig mi bha’m fhallus ’g am dhalladh leis cho bras ’s a choisich mi. Co thachair a bhith aig an taigh-òsda ach Eoghainn Mor, mo sheana charaide. Dh’ fhiadhaich e steach mi anns a’ mhionaid, agus dh’ iarr e stòp. Thuirt mi ris nach robh mòr-fheum sam bith agam air dràm, o’n a bha mi cho mòr ’n am fhallus. Ach ’s e thuirt e rium, “An rud a chum am muigh am fuachd, a Choinnich, cumaidh e ’muigh an teas.” Dh’-òl sinn an stòp air ar socair fhein, mar bu ghnàth leinn a dheanamh an uair a thachramaid ri ’chéile. Cheannaich mi am botul agus thug mi m’ aghaidh air an taobh as an d’ fhalbh mi. An uair a bha mi ’dol seachad air ceann Loch-an-eilean smaoinich mi gu ’m bu chòir dhomh suidhe tiotadh beag gus m’ anail a leigeadh, agus ceò dhe’n phiob a ghabhail. Mu’n gann a shuidh mi chuala mi smeòrach a’ ceileireadh air bearradh creige an taobh thall dhiom. Ciod a b’ iongantaiche leam na i bhith ’g ràdh, “A Choinnich ’ic Coinnich, bi ’g òl, bi ’g òl, bi ’g òl.” Gus an cuala mi so cha robh aon smaointean agam air deur a thoirt as a’ bhotul; ach chuir comhairle na smeòraich gu smaointean mi; agus ’s e thàinig as a’ chùis gu’n d’ fhosgail mi am botul, agus thug mi làn no dhà mo bheòil as. An ceann tiotaidh thuirt an smeòrach as a guth taimh, “Deoch eil’ as, deoch eil’ as, deoch eil’ as.” Mar a bha ’ghòraich ormsa ghabh mi a comhairle an dara uair, agus thug mi deochag mhath as a’ bhotul. Las mi ’phiob, agus cha robh mi tiotadh air a lasadh an uair a thuirt an smeòrach, “Sgol as e, sgol as e, sgol as e.” Sheall mi air a’ bhotul eadar mi ’s a’ ghrian, agus chunnaic mi nach robh anns a’ bhotul ach gann an treas cuid. Chuir mi air mo cheann e, agus cha d’ fhag mi ann ach deur beag. O nach d’ ith mi greim bìdh o’n a ghabh mi mo bhiadh gu math tràth ’sa’ mhadainn dhearg an t-uisge beatha orm cho mòr ’s nach robh seasamh mo chas agam. Thug mi oidhirp no dhà air éirigh ’nam sheasamh agus m’ aghaidh a thoirt air an taigh; ach as a sid cha b’ urrainn [TD 210] [Vol. 7. No. 27. p. 2] domh carachadh. Ach an uair a chunnaic an smeòrach an suidheachadh anns an robh mi, chuir i a ceann air fhiaradh, agus an uair a bha i greiseag a’ beachdachadh orm le a leith shùil, thuirt i, “A Choinnich ’ic Coinnich, tha ’n daorach ort, a Choinnich ’ic Coinnich, tha’n daorach ort.” Chuir so tamailt gu leòr orm; agus nan robh greim agam oirre anns an àm bha mi air a ceann a shnìomh as an amhaich aice. Sin agaibh mar a thachair dhomhsa; agus nam b’e an diugh an dé cha do thachair e fhathast dhomh.” (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XVI. “Tha cuimhne mhath agad,” arsa mise, “cho searbh ’s a labhair thu rium an uair a bha mi an so mu dheireadh, a chionn gu’n d’ thug mi iomradh air a thinneas, agus gu’n d’ ainmich mi doigh air an tugteadh as a’ chunnart e. An uair a dh’ fhalbh mi as a so, chaidh mi dìreach far an robh e, agus an uair a chunnaic e mi, dh’ aithnich e air mo ghnuis nach robh naigheachd mhath agam dha. Cha bu luaithe thuig e mar a bha cuisean na thromaich a thinneas gu mor. O’n lath ud tha e sìor fhas na ’s coltaiche ris a’ bhas. Agus cha’n eil fhios agamsa an teid agad air a bheatha ’shabhaladh ged a ghabhadh tu truas dheth a drasta.” “So direach na thuirt mi rithe,” ars’ an t-seana bhean. “Chuir eagal gu’n cailleadh tu do bheatha a leithid de dhragh oirre ’s gu’n d’ thainig atharrachadh dath air a h-aghaidh.” “Am bheil thu ’g innseadh na fìrinn dhomh?” ars’ ise. “Am bheil tinneas sam bith eile air ach na thainig air leis a’ ghaol a th’ aige ormsa?” “Tha na bheil mi ’g innseadh dhut fior gu leor. B’ fhearr leam nach robh e fior, arsa mise. Am bheil thu ’creidsinn,” ars’ ise, “gu’n tugadh dochas mise fhaicinn fuasgladh dha o ’n chunnart anns am bheil e?” “Is docha gu’n tugadh,” arsa mise; “agus ma bhios tu fheinn toileach, faodaidh sinn an leigheas fheuchainn.” Rinn i osna, agus thuirt i, “Abair ris gu’m faod e dochas a bhith aige gu’m faic e mise; ach na biodh duil aige fhaotainn uamsa, na ’s lugha na dh’ iarras e mi ri m’ phosadh, agus gu’n toir m’ athair ’aonta seachad.” “Mo dheadh bhean uasal,” arsa mise, “tha do mhathas ’g am chur fo chomain mhoir. Theid mise far am bheil an duine uasal og, agus innsidh mi dha gu’m bheil de sholas ri bhith aige gu’m faigh e a bhith greis ’nad chomhradh.” “Is e an t-am a’s freagarraiche a shaoileas mise air son am fabhar sin a thoirt dha, Di-haoine so ’tighinn, aig am na h-urnuigh ’s a’ mheadhain latha. Thugadh e an airre gu’m faic e m’ athair a’ dol am mach, agus seasadh e mu choinneamh an taighe, ma cheadaicheas a shlainte dha tighinn am mach air dorus. An uair a thig e, chi mise troimh an uinneig e, agus thig mi ’nuas agus fosglaidh mi an dorus dha. Bidh sinn a’ comhradh fad uair na h-urnuigh; ach feumaidh e falbh mu ’n till m’ athair.” “Is e an diugh Di-mairt,” ars’ an t-seana bhean; “bidh uine agad eadar so ’s Di-daoine gu fas na ’s treise na tha thu, agus gus thu fhein a dheasachadh air son a’ chomhraidh a tha gu bhith eadraibh.” “So, thoir so leat,” arsa mise ’s mi ’toirt dhi mo sporrain ’s e luma lan; “is tusa a thug dhomh leigheas. Is e an t-airgiod so a’s mo a rinn a dh’ fheum dhomhsa na na thug mi do na lighichean. Mur bu mhisde mi an cuid chungaidhean cha b’ fheairrde mi dad e.” An uair a dh’fhalbh an t-seana bhean fhuair mi neart gu tighinn as an leabaidh; agus an uair a chunnaic mo chairdean gu’n robh mi air a dhol na b’ fhearr bha iad ro thoilichte, agus dh’fhalbh iad dhachaidh. ’S a’ mhadainn Di-haoine an uair a bha mi ’g am chur fhein air doigh gu falbh, thàinig an t-seana bhean. “Cha ruig mi leas ’fhaighneachd cia mar a tha thu,” ars’ ise; “tha ’n obair a th’ agad a’ nochadh dhomh gu’m bheil thu air fas gu math. Nach bu choir dhut thu fhein fharagadh mu ’n rachadh tu do thaigh an ard-bhreithimh?” “Bheireadh sin moran uine dhiom,” arsa mise; “foghnaidh dhomh fios a chur air a’ bhorobair gus m’ fhalt agus m’ fheusag a bhearradh.” Gun dail sam bith dh’ iarr mi fios a chur air borobair a dheanadh an obair so gu sgiobalta. Thug an seirbhiseach a chuireadh a dh’ iarraidh borobair an truilleach so a tha sibh a’ faicinn, a dh’ ionnsuidh an taighe. Chuir e faillte orm, agus thuirt e, “Tha coltas tinneis ort.” Dh’ innis mi dha nach robh mi ach air faotainn na b’fhearr o’n tinneas a bh’ orm. “Is e mo mhiann gu’n tugadh Dia saorsa dhut o gach tubaist; gu robh fabhar Dhe a’ dol maille riut anns gach ceum,” ars’ esan. “Tha mi ’n dochas,” arsa mise, gu’n toir e dhut do mhiann; agus tha mi fada ’nad chomain.” “O’n a tha thu ’n deigh do thinneas a chur seachad,” ars’ esan; tha mi guidhe air Dia gu’n gleidh e dhut do shlainte. Innis dhomh ciod a th’ agam ri dheanamh. Thug mi leam rasairean agus lannsachan; co dhiubh tha thu ’g iarraidh an fheusag a thoirt dhiot, no fuil a leigeadh asad?” “Thuirt mi ruit mar tha,” arsa mise, “nach ’eil mi ach air eirigh a tinneas, agus faodaidh tu fhein a thuigsinn gur ann gus an fheusag a thoirt dhiom a chuir mi fios ort. So, so; greas ort; na bi ’cur seachad ha h-uine le bruidhinn gun fheum. Tha cabhag ormsa; oir feumaidh mi a bith ann an aite araidh aig a’ mheadhainn latha.” Thug am borobair uine mhor air fosgladh na ceis anns an robh na rasairean aige. Ach an aite uisge a chur ann am meis gus toiseachadh ri toirt dhiom na feusaig, is ann a thug e air a shocaìr fhein am mach a ceis, inneal air son tomhas airde na greine, agus chaidh e ’mach gu beulaobh an taighe gus airde na greine a thomhas. An uair a bha e greis am muigh thainig e steach air a shocair, agus thuirt e, “Mo tighearna, is muth leat a chluinntinn gur e ’n diugh Di-haoine an t-ochdamh mios deug de ghealaich Shafair, anns a’ bhliadhna 653 o ’n a theich ar faidh mor a Mecca gu ruige Medina, agus anns a’ bhliadhna 7320 o linn Isceudair mhoir leis an da adhairc. Agus tha an suidheachadh anns am bheil Mars agus Mercuri a’ ciallachadh nach b’ urrainn dhut am a b’ fhearr a thaghadh gus an fheusag, a thoirt na ’n uair so dhe ’n latha an diugh. Ach air an laimh eile, tha ’n suidheachadh anns am bheil iad ’na dhroch mhanadh. Tha e comharrachadh am mach gu’m bi thu ann an cunnart mor an diugh fhein. Gun teagamh sam bith, cha chaill thu do bheatha, ach thig mi fhortan ort a leanas riut fad uile laithean do bheatha. Tha coir agad a bhith gle mhor ’nam chomainn-sa, a chionn gu’n bheil mi ag innseadh dhut mu ’n chunnart, a chum gu’n toir thu an aire mhath gu’n seachainn thu e; agus bhithinn gle dhoilich gu ’n tachradh e riut.” Faodaidh sibh a thuigsinn, a dhaoine uaisle, gu’n robh dorran gu leor orm a chionn tuiteam ann an lamhan borobair luath-bheulach, mimhodhail dhe ’n t-seorsa so. Nach bu mhi-fhreagarrach a leithid so de dhuine ’thachairt ri fear a bha ’deanamh deas gus a dhol a chumail comhdhail ri ’leannan! Bha mi feargach gu leor ris, agus thuirt mi, “Tha mi cearta coma dhe do chomhairlean ’s dhe d’ fhiosachd. Cha b’ ann gu bhith reultaireachd dhomh a chuir mi fios ort, ach gus an fheusag a thoirt dhiom. Thoir dhiom an fueusag, ar neo bi falbh. Gheibh mise borobair eile.” “Mo thighearna,” ars’ esan, agus e ’labhairt ann an doigh a chuir gu buileach bhar mo shuil mi, “C’ar son a tha fearg ort riumsa? Am bheil fhios agad nach ’eil mo leithid-sa de bhorobair ri fhaotainn an aite sam bith? Cha ’n fhaigheadh tu mo leithid eile-sa ged a shuibhladh tu an saoghal. Chuir thusa dh’ iarraidh borobair; ach annamsa tha agad an so am borobair a’s fhearr a th’ ann am Bagdad, am fear-sgil a’s fiosraiche, am fear a’s eolaiche air brigh gach ni, an reuladair a’s neo-mhearachdaiche, an sgolair a’s fhearr, am fear-labhairt a’s coimhlionta, am fear-reusanachaidhe a’s geur-chuisiche, am fear-cunntas a’s foghluimte; agus am fear-eachdraidh aig am bheil mion eolas air eachdraidh uile rioghachdan an domhain. A bharrachd air so, tha mi lan-fhiosrach anns gach uile sheorsa feallsanachd. Tha mi mion-eolach air gach lagh agus beul-aithris a bhuineas do ar creideamh. Tha mi ’nam bhard, tha mi ’nam fhear-togail thaighean; agus ciod e an ni nach dean mi? Cha ’n ’eil ni anns a’ chruthachadh air nach ’eil fios agam. Is math a bha fhios aig d’ athair caomh nach maireann air cho fior fhoghluimte ’s a tha mi. Bha meas mor aige orm, agus ge b’e air bith cuideachd anns am bitheadh e, bhiodh e ag radh gur e mise an duine a’s foghluimte air an t-saoghal gu leir. Mar chomharradh air mo thaingealachd dha, agus mo chairdeas ris, tha mi toileach comunn a dheanamh riutsa, do ghabhail fo mo churam, agus do ghleidheadh o gach olc a tha do reultan a’ bagradh ort.” An uair a chuala mi a’ chainnt gun tur so, cha b’ urrainn mi gun ghaire a dheanamh, ged a bha fearg gu leor orm. “A chabarnaich mhimhodhail,” arsa mise, “am bheil thu ’dol a sgur dhe ’d chuid boilich ’s a’ toiseachadh ri toirt dhiom na feusaig?” Tha thu ’toirt tamailt dhomhsa,” ars’ esan, “an uair a tha thu ’g radh gur cabairneach mi; an aite sin, is ann a tha ’n saoghal a’ toirt urram dhomh mar dhuine a tha ro shamhach. Bha sianar bhraithrean agam ris am faoidteadh le firinn a radh, gur e cabairnich a bh’ annta. Agus a chum gu’m bi fios agad na ’s fhearr mu’n deidhinn, is e ainn a’ cheud fhir Bacbouc, an dara fir, Bacbara, an treas fir, Bacbac, an ceathramh fir, Alcous, an coigeamh fir, Alnascar, agus an t-siathamh fir, Schacabac. Dh’ fhaoidteadh gun teagamh cabairnich mhi-mhodhail a radh riutha; ach air mo shonsa dheth, tha mo chomhradh an comhnuidh glic agus gearr.” Smaoinichibh, a dhaoine uaisle, gu’n robh sibh ’nam aite! Cha robh fhios agam cioid a theirinn. “Thoir dha tri buinn oir, agus cuir air falbh e.” arsa mise ri mo sheirbhiseach. “Cha ’eil e ach a cur dragh orm; cha toirear dhiom an fheusag an diugh.” “Cha dean thu sin air chor sam bith,” ars’ am borobair. Cha tainig mi g’ ad shireadh-sa; is tusa a chuir fios ormsa. Agus o ’n a tha sin mar sin, tha mise mionnaichte nach teid mi ’mach air an dorus gus an toir mi dhiot an fheusag. Bha barrachd meas aig d’ athair caomh nach maireann orm. A h-uile uair a chuir e fios orm gu fuil a thoirt as, thug e orm suidhe ri’ thaobh, agus dh’ eisd e rium le toil ’s le tlachd. Cha d’ fhas e riamh sgith dhe ’m chomhradh. Thug mi fiosrachadh mor dha. Agus an uair a bhithinn ’cur crioch air na bhiodh agam ri radh, theireadh e, “A mhic an t-saoghail, nach ann agad a tha ’m fiosrachadh! Cha ’n urrainn duine meud an eolais a th’ agad a thuigsinn.” “Fhir mo ghraidh.” arsa mise rithist ri d’ athair, “tha thu ’toirt barrachd urram dhomh air na bheil mi dligheach. Ma tha mi ’g radh ni sam bith a tha taitneach, is [TD 211] [Vol. 7. No. 27. p. 3] ann a chionn gu’m bheil thu fhein ag eisdeachd ruim cho foighidneach. Is e cho fialaidh ’s a tha thu rium a tha ’toirt air smaointeanan arda eirigh suas nam inntinn.” Air latha araidh, an uair a thug na briathran a bha mi labhairt toileachadh mor dha, “Thoir dha,” ars’ esan, “ceud bonn oir, agus cuir uime an deise a’s fhearr a th’ agam.” Fhuair mi na mithean so anns a’ mhionaid. Agus gu’n dail sam bith rinn mi fiosachd dha, agus dh’ innis mi dha, gu’m b’e duine bu shona a bh’ air an t-saoghal. Agus a bharrachd air so, a chum mo thaingealachd a nochadh dha, thug mi fuil as le glaineachan.” (Ri leantuinn.) ROB RUADH MAC-GRIOGAIR. Earrann II. LE LACHUINN MAC GILLEAIN. Mu ’n àm so leudaich iomad de àrd chinn-chinnich nan Gàidheal an staidean, le saltairt air tighearnan beaga aig nach robh còir am fearainn sgrìobhte. Chum iad so fhaotuinn a mach agus a smàladh, chaidh cumhachd a thoirt do Bharan àraid de theaghlach Earraghàel. A h-uile fear nach b’ urrainn a chòir a nochdadh, ghlac e ’staid, dìreach mar ghàidsear eile. Bha so an deigh do ’n dà rioghachd a bhi air am pòsadh, ri lìnn Rìgh Seumas an Seàthamh. Maille ri iomadh aon eile, ghlac e staid bheag ann an Gleann-dochart. Chunnaic Rob gum b’ eaceart so, agus gum bu chòir casg a chur air. Thug e òrdugh d’a ghillean dol do Ghleann-urucha, agus foill-fholach a dheanamh ann am bealach cumhann dlùth do Chruachan-beann. An ceann ùine gun bhi fada, thainig an ridire agus a dhaoine. Ghlac gillean Raib e. Thug iad leò e gu Tigh-an-Droma, far an robh Rob féin a’ feitheamh riu. ’Nuair fhuair Rob làn na làimhe dheth, cha ’n e a mhàin gu’n d’innis se e féin dha, ach thug se air ’ainm a chur ri pàipeir a dh’ aiseag na staide do ’n fhear d’ am buineadh i. Thug e na dheigh sin e gu abhuinn Fhaolain, a bha ainmeil airson buaidh a h-uisge, agus thug e tumadh gasda dha, an dòchas gu’n deanadh buaidh an uisge ’onair aiseag, agus nach deanadh e tuilleadh fòirneart air na bochdan. ’Se so a’ cheart ridire ’chaidh a ghlacadh staid Mhic-Illeathain Chinn-Gheàrrloch, ’nuair chual’ e nach robh còraichean sgrìobht’ aige. Chuala Mac-Illeathain gu’n robh e ’tighinn, agus rinn e deas air a shon. Chruinnich e ’dhaoine. Chuir e air chùl cnoic iad, agus ghabh e féin na aonar a dh’ ionnsuidh a’ chladaich, ’s a chlaidheamh air a leis, a thoirt di-bheatha do ’n ridire ’s d’a dhaoine. ’Nuair thainig e air tìr, dh’ altaich Mac-Illeathain a bheatha, ’s thug e leis e féin ’s a dhaoine dh’ ionnsuidh a thighe. Air an rathad, dh’ fharaid an ridire dheth an robh barantas aige air a staid. “Thà,” arsa Mac-Illeathain, ’s e ’séideadh ’fhìdeig, a thug air a dhaoine leum suas le ’n claidh’ean rùisgte. “Sud agad mo bharantas!” Cha d’ fharaid an ridire tuilleadh. Ghabh e cuid na h-oidhche, agus an là’r-na-mhàireach dhealaich e féin agus Fear Chinn-Gheàrrloch nan deagh chàirdean. Mu ’n àm so thainig mac bràthar Raib Ruaidh gu staid Ghleanngoill; ach bha airgiod-iasaid oirre b’ eigin, a réir cùmhnant, a phàigheadh air ais an taobh a stigh do dheich bliadhna, airneo rachadh a call. ’Nuair bha ’n t-àm a’ casadh, thug Rob an t-airgiod do mhac a bhràthar an coin’eall, chum an staid a shaoradh; ach leig am fear a thug an ceud choin’eall seachad air, nach b’ urrainn e na paipearan fhaotuinn, gus an deach an latha mu dheireadh de ’n ùine seachad; agus na dheigh so cha ghabhadh e’n t-airgiod, ged chaidh a thairgse dha—bha fhios aige gum b’fhiach an staid a dhà uiread. Na bha ’na bheachd, rinn e. Ghabh e còir air an staid ’na ainm féin, ’s thug e bàirlinn do Mhac-Griogair òg gach dà-chasach ’us ceithir-chasach a bh’ air an fhonn a thoirt air falbh an ceann ochd latha. Cha do chòrd so gu math ri Rob. Chruinnich e ’ghillean, ’s chaidh e air forfhais a’ chinn-fheadhna aig an robh a’ chridhe ’leithid do ghnìomh a dheanamh. Chual e gu’n robh fear-aobhair ann an Earraghàel. Bu choingeis c’àit an robh e, b’ éigin ’fhaotuinn a mach. Thug iad an aghaidh air Earraghàel; agus air an turus, ann an Srath-Fhaolain, có ’choinnich iad ach fear an aobhair! Rinn Rob greim air; thug e leis e gu tigh-òsda beag a bha dlùth, agus thubhairt e ris, sùil mu’n t-sròin, nach fàgadh e sud gus an liùbhradh e suas barantas staid Ghlinngoill. Mar is bàthach duine ris an anam, chuir an ceann-feadhna dithis d’ a ghillean, maille ri dithis de ghillean Roib Ruaidh, gu ’chaisteal; agus an ceann dà latha phill iad leis a’ bharantas ’nam pòca. ’Nuair liubhair e ’m barantas, dh’ iarr e air Rob an t-airgiod-iasaid a bh’ aige air an staid. Thubhairt Rob ris nach faiceadh e sgillinn gu bràth dheth—gu’n robh e beag gu leòir mar ùmhladh airson a shlaoitireachd, agus gum faodadh e ’bhi taingeil faighinn as le craicionn slàn. Bha mòran de’n fhòirneart so ’dol air aghaidh air feadh na Gàidhealtachd—a’ bhéist bu mhò ’g itheadh na béist bu lugha; ach cha robh àit’ an cual’ Rob iomradh air ea-ceart, nach robh a chlaidheamh rùisgte’ seasamh còir an dìleachdain agus na bantraich. Chunnaic iomad de mhaithean na tìre cha’n e a mhàin mòrachd, uaisle, agus ceatharnas Roib, ach mar an ceudna am feum a bha air a leithid; agus rinn Loch-nan-Eala, Gleann-Falach, Gleann-Dochart, Gleann-Liobhan, agus tighearnan eile, cùmhnant an uiread so sa’ bhliadhna ’thoirt dha airson fòirneart agus foireigneadh a chumail bho dhorus nam bochd agus nan neo-chiontach. Bha mu’n àm so air staid Pheairt fear Mac-Griogair, aig an robh gabhail fo aonta laghail; ach ghabh am bàillidh, fear Drumanach, ’na cheann gum briseadh se i; agus gun choire, gun aobhar, dh’orduich e fear-a’-bhaile mu chùl a ghnothuich. Cha luaithe chuala Rob mar thachair, na chaidh e gu Caisteal Drumain a dh’ iarraidh ceartais. ’Nuair rainig e’n caisteal b’e cheud fhear a choinnich e am bàillidh. Gun ghuth a ràdh ris, thug e peilleart duineal dha, a chuir ladhran os a chionn. Dh’ fhàg e na shìneadh an sud e, agus air aghaidh ghabh e, le ceum farsuing aigeanta, gu dorus a’ chaisteal. Chunnaic an t-Iarl’ e bho ’n uineig, agus mar ghnàthaich e ’m bàillidh; dh’ aithnich e Rob. Bha amhladh an Fhaolaich ’na choltas, fuaradh froise, ’s fadadh-cruaidh. Smaoinich e gum b’e bhi siobhalt’ a b’ fheàrr. Thainig e, ’s chuir e fàilt chridheil air. Thubhairt Rob ris, ’s a chlaidheamh air chùl-dùirn aige, nach b’e aoidheachd no ’mhiodal a bha dhìth air, ach ’aonta aiseag d’a fhear-cinnich; airneo mar aisigeadh, gu’n leigeadh e ’ghillean mar sgaoil air a staid. Chunnaic an t-Iarla nach b’ urrainn e ni b’fheàrr a dheanamh. Thug e air a h-ais an aonta, agus ghabh e féin agus Rob làn a’ ghogain le chéile mu’n do dhealaich iad. Bha’n Grahamach, bàillidh Mhontrose, (air an d’ rinn sinn iomradh cheana,) anns na h-odhaichean do ’n tighearna; agus cha d’ fhàg e clach gun tionndadh—còir no ea-coir, bu choingeis—an àm togail a’ mhàil. Tuathanach air bith a bha an deigh làimhe, cha robh tròcair air a shon. Bha eadhon an dìleachdan ’s a’ bhantrach air an slugadh suas mar ghreim milis! air chor ’s gu’n robh e air a mheas leis an dùthaich mar mheur de’n phlàigh. Mu’n àm so thainig e gu cluasan Boib gu’n do rist e gach ni a bhuineadh do bhantraich bhochd a bha trì cheud marg an deigh làimhe de’n mhàl. Chaidh Rob far an robh i, agus thug e dh’i na trì cheud marg. Thubhairt e rithe ’màl a phàigheadh, agus gun dearmad a dheanamh air aideachadh fhaotuinn air pàipeir. ’Nuair thainig na maoir a sguabadh leo gach speir a bhuineadh do’n bhantraich bhochd, phàigh i dhoibh gach sgillinn sios gu pongail, agus thug iad dh’i bann-aideachaidh. Air an rathad a’ dol dachaidh, choinnich Rob iad; thug e uatha gach bonn-a-séa de’n airgiod; ghabh e orra siochd-sachd, agus ’nuair chunnaic e gu’n robh gu leòir aca, leig e as iad, le breab ’san tullachain, agus le comhairle gun a leithid a dheanamh gu bràth, airneo, airneo! Bha tuathanach bochd eile air a cheart staid, a bha trì bliadhna an deigh làimhe. Phàigh Rob na h-uile bonn-a-h-ochd dheth; agus ’nuair dh’ fhàs na sinntean fàbharach, ’s a fhuair an tuathanach a sgòd leis ’s a thairg e ’n t-airgiod air ais, cha ghabhadh Rob e—ars’ esan, “Fhuair mise bho’n bhàillidh o chionn fad e.” Cha’n ’eil a’ mhiann ormsa, leughadair, so a mholadh, no dhì-moladh. Cha’n ’eil mi ach a’ toirt do m’ luchd-dùthcha beatha, Roib Ruaidh, deanadh gach leughadair ’fheum féin dheth. Bha na timeanan fiadhaich agus borb, agus cha deanadh ach làmh làidir sreamadh a thoirt asda; bha ’m moll cho trom agus cho tiugh, ’s nach deanadh ach stoirm ’fhasgnadh. Cha’n ’eil sinne an diugh leth thaingeil airson sìth agus soisgeil! Am measg chàich, dhùisg cuideigin aimhreit eadar teaghlach Pheairt agus teaghlach Athoil. Chuir Iarla Pheairt achanaich gu Rob tighinn agus a thaobh a sheasamh. Cha robh aon seach aon diubh mòr ann an sùilean Roib, ach bha e togarrach gu nì air bith a chuireadh dorran air Athol. Chruinnich e trì-fichead d’a ghillean. Chaidh iad fo ’n airm ’s fo ’n éideadh, agus ghabh iad gu Càisteal Drumain. Bha daoin’ Athoil ann an campa air taobh thall na h-aibhne Farn, agus ghabh na Griogaraich agus na Drumanaich air an aghaidh gu cath a thoirt doibh; ach cha luaithe chunnaic iad gur h-e na Griogaraich a bh’ aca, a mheas iad mar dhiabhail, na theich iad mar na h-uiread de chaoraich. Lean na Griogaraich an ruaig, agus Rob air an ceann, a’ sgoltadh fir an sud, ’s a’ snaidheadh cheann ’us chluasan so, gus an d’ fhàg iad na bha beò taobh-mach a’ ghàradh-dhroma! Cha do leig Rob air dì-chuimhn na rinn Montrose air, agus bu chlach ’na bhròig, bu chàilean ’na fhiacail e, bho latha gu latha. Cha bhiodh dìth mairt-fheoil air Rob fhad ’s a bhiodh ceithir-chasach ann an pàircean Mhontrose; ’s cha bhiodh min a dhìth air, a’s i ’na mhuileann; no abhlan, a’s e ’san tigh-thaisge. Mu dheireadh rinn Montrose gearan ris a’ Phàrlamaid, agus thainig achd a mach, casg a chur air Rob agus air a leithidean eile—an glacadh, agus an toirt gu cùirt. Cha luaithe thainig aa t-achd so ’mach, na chruinnich Montrose a dhaoine, ’s a chuir e iad gu Rob a ghlacadh. ’Nuair ràinig iad a thigh, mar bha ’m fortan an dàn, bha e bho ’n bhaile. Coma, fhuair iad brath far an robh e; agus mu bhriseadh na faire an là’r-na-mhàireach, thainig iad air ann an tigh òsda Chrinlàraich. Cho luath ’s a ràinig Grahamaich, thilg iad a’ chòmhla bhàrr a lùdagain, agus bha iad a stigh. Dh’ aithnich Rob mar bha ’chùis. Ghlac e ’chlaidheamh ’s a sgiath, agus a h-uile fear mar thigeadh thuiteadh— “Cha’n éireadh fear a luidhe leis;” gus mu dheireadh na dhùisg na t-slachdraich a ghillean féin, a bha nan laidhe ann an sabhal gun bhi fad as. ’Nuair thainig iadsan, cha b’fhad’ a sheas an iorguill. Bha na cinn ’gan sguidseadh dhiùbh mar na dìogain roimh bhat a’ bhuachaill, gus mu dheireadh na theich na bha beò dhiubh. (Air a leantuinn air taobh 214.) [TD 212] [Vol. 7. No. 27. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 27, 1899. NA CEILTICH. Tha fineachan an t-saoghail, agus na Gaidheil am measg chach, daonnan a’ gabhail tlachd sonruichte ann a bhi ’deanamh luaidh air na sinnsirean aosda, cliuiteach, foghainteach, morail bho ’n d’ thainig iad. Is e gun teagamh, dileab ghasda ’tha neach air bith a’ sealbhachadh ann an cliu ’s ann an deadh-ainm nan daoine ’bha air thoiseach air, agus a bha surdail, gleusda, ceanalta ’n an latha fein. Thig e do gach duine ’tha ’faotainn dileab co fiachail bho ’n dream a chaidh rompa, ’bhi dichiollach, firinneach, gaisgeil; oir mar so ni iad onoir do ’n ainm a a tha iad a’ giulan, agus bheir iad neart ’us urram ur do chliu nan daoine d’ am buin iad. Airson eachdraidh a tha ’dol fad’ air ais ann an linntean a’ chinne-daoine; airson gniomharan mora, gaisgeil a rinneadh anns an am a dh’ aom; airson neart aosmhor ’us cumhachdach a bha air a mhealtuinn ’s air a nochdadh cian mu ’n robh iomradh air rioghachdan ’us sloigh air am bheil sinn an diugh min-eolach, tha na Ceiltich treubhach anns an Roinn-Eorpa, agus bithidh iad gu brath iomraiteach. Mar a chi sinn ann an uine ghearr, dh’ fhag iad comharraidhean nach failnich a chaoidh, air an canain ’s air am morachd, anns na h-ainmean a thug iad do chnoic, ’us chaoil, ’us aimhnichean, ’us ionadan arda ’s iosal ann an iomadh cearna. Thar leam fein nach ’eil fuaim bhlasda na Gaidhlig anns an fhocal Ceilteach, trid am bheil am focal Beurla Celt air eadar-theangachadh. Tha sgoilearan Eirionnach lionmhor, ’us foghluimte, ’s dileas ann ’n ar latha fein, a tha ’buileachadh moran dichill air an canain fein, agus a tha ’fadadh suas le briathran blath, fearail, eud ’us dilseachd nan Gaidheal Eirionnach as leth an canain fein agus gniomharan ’us abhaistean an athraichean. Sgriobh Bourc, Eirionnach teoma, geur-inntinneach, leabhar tuigseach anns am bheil e ’tabhairt moran eolais seachad mu thir a dhuthchais agus canain ’us buaidhean laidir Eirinn. Tha e ’cumail a mach gu diongmhalta gur e focal fior-Ghaidhealach a tha ann an Keltoi, agus gu bheil e ’ciallachadh (bho cath, cogadh; agus ailte no oilte, ionnsuichte no foghluimte) ionnsuichte airson cogaidh. Fasaidh Bourc ur-labhrach am feadh a tha e ’cur urraim air canain nan daoine ’chaidh roimhe, agus air sgoilearachd nan Eirionnach aig an robh an aite-comhnuidh, cosmhuil ris fein, ann an Oil-thigh Thuaim. Tha e ceart an uair a tha e ’g radh gu bheil an litir c ann an Celt cruaidh. Is ann le greadhnachas a leughas Gaidheal blath-chridheach air bith leabhar Bhouirc, leis gach beachd dhuineil ’us leis gach smuain dhurachdach a chur e sios. Is iomadh latha fada o’n sgriobh ministeir Chille Naoinein, ann am Muile, rannan blasda molaidh mu ’n Ghaidhlig: “Air teachd on Spain do shliochd an Ghaidheil Ghlais, ’S do shliochd na Miligh, ’n fhine nach bu tais; Bu nhor an scleo ’s gach fod air cruas an lann, Air fil’gheachd fos ’s air foghlum nach bu ghann. ’Nuair dh’ fhas am por ud mor, a bhos is thall, ’S i meas is pris fo ’n Ghaidheilg anns gach ball. ’S i labhair Padric ’n Innis-fail nan Righ; ’S an faighe caomh sin, Calum naomh tha ’n I. Na Francich liobhta ’lean gach tir a mheus, O I na ’n deori, ghabh am foghlum freimh.” Tha da theaghlach ann de na canainean Ceilteach. Buinidh do aon teaghlach a’ Ghaidhlig Eirionnach, a’ Ghaidhlig Albannach, agus a’ Ghaidhlig Mhanainneach. Tha dluth-dhaimh agus cairdeas aosmhor eadar a’ chainnt a tha air a labhairt le Gaidheil Eirinn agus Albainn ’us Eilein Mhanainn. Tha cairdeas gle dhluth eadar Gaidhlig Albann agus Mhanainn. Cha ’n ’eil moran Gaidhlig a nis ’ga labhairt ann am Manainn. An uair a bhitheadh iad a’ labhairt an canain fein, thuigeadh Gaidheil Albainn ’us Mhanainn a cheile gle fhurasda. Tha eadar-dhealachadh a’s modha eadar Gaidhlig Eirinn agus Gaidhlig Albainn ’us Mhanainn. Cha ’n ann idir le fein speis a their sinn gur i Gaidhlig Albainn a’s boidhche ’s a’s milse. Tha eachdruidh aosmhor, urramach aig Gaidhlig Eirinn, agus is iomadh leabhar fiachail a bhuineas dhi. Tha sluagh lionmhor fathast ann an Eirinn a labhras an canain gu fileanta ’s gu pongail. Ann an duthchannan cein tha na h-Eirionnaich muirneach mu chainnt na tire bho ’n tainig iad. Ann an iomadh baile mor anns na Staidean tha canain Eirinn air a teagasg; agus ann an Oil-thigh ur Uashington tha cathair air a’ steidheachadh airson foghlum a thabhairt seachad mu Ghaidhlig Eirinn. Anns gach cearna de ’n t-saoghal anns am bheil ughdarras aig Breatunn, tha Gaidheil Albannach r’ am faotainn, agus tha iad dileas do chanain ’us do ghniomharan nan Gaidheal. Do theaghlach eile nan canainean Ceilteach buinidh a’ Chuimrich, a tha air a labhairt ann an Uallaidh (Wales); agus a chanain a b’ abhaist a bhi air a labhairt ann an siorramachd Chornuaill, ann an Sasunn; agus, mar an ceudna, a’ chanain a tha air a labhairt le muillion gu leth Ceiltich ann an cuibhrionn de ’n Fhraing, ris an goirear Britanny (Breatannaidh). Is e Ceiltich threubhach, thlachdmhor, ann an inntinn agus ann an cruth, a tha anns na Cymri, no ann an luchd-aiteachaidh Uallaidh. Tha iad fior-mheasail air an cnoic ’us an glinn, air gach sliabh ’us comhnard a tha ’n an duthaich fein. Tha iad beartach ann an leabhraichean an duthcha ’s an canain fein. Tha iad daonnan a’ tabhairt aoidheachd urramach do bhardachd ’us do cheol. Labhraidh iad an canain gu fileanta agus gu snasmhor; agus ged bhitheas iad fada bho thir an oige tha ’n cridhe daonnan lan baigh ’us graidh do chanain ’us abhaistean Uallaidh. Cha ’n ’eil canain Cheilteach air a labhairt a nis ann an Cornuall. Chaidh clach-chuimhne ’thogail o cheann beagan bhliadhnachan do Dhorothaidh Pentreath, (Ceann traighe) am boirionnach mu dheireadh a labhair canain Cornuaill. Tha Breatannaidh ann am fagus do bhaile mor na Frainge. Is ann ’s an aite so ’rugadh Renan, an sgoilear a bha gle aithnichte ’na latha fein. Is e Ceiltich shiobhalta, shona, iriosal agus beusach a tha ’gabhail comhnuidh anns a chuibhrionn so de ’n Fhraing. Tha iad airidh air cliu ’s meas ’us miadh am measg nan Ceilteach. CONA. CINNTEACHADH BEATHA. The Manufacturers Life Insurance Company, Toronto, Canada: Tha mi a toirt moran taing dhuibh air son cho ealamh ’sa phàigh sibh, troimh ur fear-gnothuich, Alastair G. Bàillidh, Port Hawkesbury, am mile dolair ($1,000.00) a bha mar airgead cinnteachaidh air mo chéile gràdhach nach maireann, Uisdean Domhnullach. Bha mi gle fhada ’n aghaidh dha a dhol a chur airgead-cinnteachaidh air a bheatha ’nuair a ghabh e ’sa chuideachd agaibhse, o chionn sheachd bliadhn’ air ais. Ach a nise, ’s mi air m’ fhàgail leam fhin an ceann nam pàisdean—ged nach dean ni sam bith àite fir-pòsda caoimhneil agus athair gaolach a ghabhail—chi mi am feum a tha ann; agus faodaidh mi a radh gu ’n d’ thug e sòlas mor dha fhéin air leabaidh a bhàis, fhios a bhi aige gu ’n d’ rinn e an t-ullachadh sin air son a theaghlaich. MARTA DHOMHNULLACH. Mabou, C. B., Des. 14mh, 1898. Is ainneamh fear nach ’eil glé fhialaidh an àm a bhith ’toirt seachad ni. Deanadh daoine eile mar a thogras iad, ach dean thusa gach ni is còir dhut a dheanamh. An uair a dh’ fhàgas an t-searbhanta dorus a’ phreasa fosgailte, cuirear a’ choire air a’ chat. Bidh gruaim air dleasdanas riut an uair a thionndaidheas tu do chùl ris; ach bidh aoidh air riut an uair a dhlùth-leanas tu e. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. [TD 213] [Vol. 7. No. 27. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh da phoit-dhubh a ghlacadh faisg air Strathlorne, an siorrachd Inbhirnis, an la roimhe. Tha iomadh bliadhna o nach robh toiseach a gheamhraidh cho stoirmeil air taobh an ear an eilein so ’sa bha e am bliadhna. Tha àireamh mhor shoithichean nach d’fhuair na h-acarsaidean fhàgal o mheadhon Nobhember, leis cho fiadhaich, ceòthach, ’sa bha an aimsir. Tha e air innse dhuinn le neach aig am bheil fhios, gu bheil an rùn an riaghlaidh ni-eigin a dheanamh air a bhliadhna so a bhios na bhuannachd mhor do thuathanaich Cheap Breatunn. Cha’n eil e air a mheas iomchuidh fhathast innse gu de tha gu bhi air a dheanamh, ach cha’n fhada gus an deanar folaiseach e. Bha co-sheirm anns a bhaile so oidhche Di-haoine s’a chaidh, le ceathrar pheathraichean de ’n ainm De Verne. Bha iad a’ cluich ciùil ’sa seinn. Bha tè dhiubh na deagh chlàisair, agus bha’n trùir eile a cluich air fidhlean. Bha talla na stuaime làn sluaigh, agus chord a chluich ’s an t-seinn riutha gu math. Buinidh na De Verne’s do Woodstock, Ontario. Anns an ath àireamh gheibh ar leughadairean a’ cheud earann de phaipear air a sgriobhadh le Domhnull Mac Fhionghain, Oilear na Gàilig ann an Oil-thigh Dhuneidionn. Is paipear e a tha sinn cinnteach a thaitneas ri luchd-gabhail MHIC-TALLA air fad. Bidh e air a leantuinn o sheachdain gu seachdain gus an cuirear crioch air, agus an sin tha an t-Oilear a ghealltuinn dhuinn tuilleadh sgriobhaidhean a chur ugainn. Is e ar barail gu’n cluinnear uaithe gu math tric an deigh so. Thug sinn iomradh roimhe so air binn-crochaidh a bhi air a toirt a mach air boirionnach d ’an ainm Cordelia Poirier, ann an Cuebec. Thugadh ionnsuidh air a càs a thoirt gu cùirt eile, ach chaidh sin a dhiùltadh dhi. Thatar a mise dol a chur tagradh as a lieth dh’ ionnsuidh an Ard-Riaghlaidh. Bha duine còmhla rithe mu ’n mhort, ach thatar a deanamh a mach gu ’n b’ise bu chiontaiche, agus tha moran gu làidir an aghaidh feuchainn ri bacadh sam bith a chur air lagh a cheartais. Bha òraid air a liubhairt ann an talla na stuaime oidhche Di-màirt s’a chaidh le Sir Iain Seòras Bourinot, K. C. M. G. B’e am bonn labhairt a ghabh e “Daoine ainmeil Nova Scotia,” agus thug e iomradh tailneach air àireamh mhath dhiubh, gu h-àraid air an dithis a b’ ainmeile, Johnstone agus Howe. Aig toiseach na h-òraid thug e gearr-chùnntas aìr na daoine bho ’n d’thainig muinntir Noba Scotia, Sasunnaich, Goill us Gàidheil Albannach, Eirionnaich, Frangaich, Geoncaich us Gearmailtich. Tha na rinneadh de dh’ airgead ri bhi air a chur a cheannach leabhraichean do leabhar-lann a bhaile. Tha muinntir nan Eileanan Philipeach a cur dragh agus iomguin nach beag air luchd-riaghlaidh nan Stàitean. Tha moran dhiubh fhathast fo’n armaibh, agus a bòideachadh nach cuir iad claidheamh an truaiil gus am bi saorsa nan eileanan air aideachadh leis na Stàitean. Cha’n eil iad air son a dhol a stigh ris na Geancaich idir. Tha buidheann lionmhor de shluagh nan Stàitean dhe’n bharail nach bu chòir na h-eileanan a bhi fo ùghdarras nan Stàitean, ach gu’m b’ fhearr fein-riaghladh a thoirt daibh. Am measg na feadhnach a tha dhe’n bharail sin, tha Grover Cleveland, a bha fad ochd bliadhna ’na cheann-suidhe. Agus tha an t-Albannach saoibhir sin, Andra Carnegie, cho mor dhe’n bharail cheudna ’s gu bheil e tairgse fichead muillein dolair a phàigheadh riaghladh air son saòrsa nan Filipinich. Bidh an Dotair Kendall a dol gu ruige Halifacs, toiseach na seachdain, a frithealadh na pàrlamaid. Fhad ’sa bhios e air falbh, bidh an Dotair Doyle á tigh eiridinn Victoria ’na àite. Cha ’n eil sinn a cluinntinn fior mhoran mu’n na h-obraichean iaruinn aig an àm so, ach na tha sinn a cluinntinn tha e gle fhàbharrach. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil obraichean iaruinn ri bhi ann an cearn eigin dhe’n t-siorrachd so, agus a reir barail dhaoine ’s ann an Sidni a bhitheas iad air an suidheachadh. Chuir àireamh mhath de ar luchd-leughaidh ugainn eadar-theangachadh air “An Editor’s Pants.” Tha caraid a tha ’na bhàrd ’s na dheagh bhreitheamh air bàrdachd a’ gabhail os làimh innse dhuinn co a rinn an t-eadar-theangachadh a b’ fhearr, agus cho luath ’sa gheibh sinn fios-freagairt uaithe, bidh an duais air a toirt seachad, agus an duan air a chlo-bhualadh. Cha’n eil cùisean anns an Fhraing aig an àm so ach car mar a bha iad. Cha do chuireadh crioch air càs Dreyfuis fhathast; tha a chùirt ’na suidhe, agus tha eagal air daoine, ma bheirear breith air taobh Dreyfuis gu ’m brist ceannairc a mach. Cha ’n ’eil gnothuichean gle ghealltanach idir; tha an dùthaich, mar gu’m b’eadh, air clach-an-turramain eadar sith agus cogadh, agus ’si bharail a th’ aig moran nach ruith ùine mhòr gus am bi an t-sith air a bristeadh. Tha na Frangaich gle luasganach ’nan inntinn, agus tha e doirbh a dhol roimhe gu de dh’fhaodas iad a dheanamh. Chuir comhairle na siorrachd crioch air an obair oidhche Di-satharna s’a chaidh, agus sgaoil e; mar sin a deanamh a ghnothaich gu math na bu sgiobaltà na bhatar a deanamh bliadhnaichean roimhe. An uiridh bha a chomhairle na suidhe seachd latha deug, am bliadhna aon latha deug. Tha sinn an dòchas gu lean iadsan a tha anns a chomhairle air cùisean na siorrachd a chur air adhart air dòigh cho sgiobalta, agus gu’n cuir iad gach cùis a tha cearr ceart. Ma ni iad sin coisnidh iad cliù agus gheibh iad sin o gach neach aig am bheil math na siorrachd ’na bheachd. Chaochail fear Hiram Walker ann a Walkerville, Ontario, o chionn ghiorid a fàgail aig oighreachan naodh muillean dolair, airgead a rium e mar ghrùidear, a deanamh ’sa creic uisge-beatha. Cha’n eil iomradh air a thoirt dhuinn air na bha air an toirt o bheairteas gu bochduinn, no a bha air an cumail o fhàs beairteach, leis an uisge-beatha a rinneadh leis, ach tha fios us cinnt nach bu bheag an àireamh. Is ceaird a ghrùidearachd anns nach eil buanachd sam bith ach call gu leor do dhùthaich, agus tha sinn an dòchas nach teid moran ùine seachad gus an cuirear as dhi gu buileach, ann an Canada co-dhiu. IADSAN A’ PHAIGH. Murchadh A. Mac Fhionghain, Glengarry Valley. D. R. Domhnullach, Boulardarie. Donnachadh Gillios, Mèinn Victoria. An t-Urr M. MacCoinnich, am Beighe ’n Ear. Domhnull Mac Ille-mhaoil, Aiseag Mhira. Seumas R. Dughlach, Grand Mira Tuath. Aonghas Gillios, Orangedale. Calum C. Mac Leoid, Amhuinn Dhenuis. J. W, Domhnullach, Malagawatch. Bean Neill Mhic Leoid, Jubilee Po. An t-Urr D. Watson, D. D., Beaverton, Ont. Uilleam Wescott, Beaverton,Ont. Iain Mac Artair, Beaverton, Ont. Domhnull Mac Mhuirich, Flesherton, Ont. Padruig Mac Fhionghain, Earlwood. N.W.T. S. M. Martuinn, Heatherdale, P. E. I. Martuinn Martuinn, Drochaid Chardigan, P. E. I. J. H. Staples, Tullylagan, Eirinn. Eoghan Domhnullach, Lentran, Alba Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 214] [Vol. 7. No. 27. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 211.) Na dheigh so (oir bha cùigear mu ’s aon aig Montrose), ghabh Montrose a leithid de thàmailt, ’s nach do chuir e bruailean air Rob car ùine. ’Nuair chunnaic Rob so, dh’fhàs e cho dalma, agus cho ea-corach, ’s nach robh a bhi beò aig daoine leis. Dh’ éirich a nis an tuath na aghaidh agus le buidheann shaighdearan bho Chaisteal Chardrois, chuir iad an tòir air. Bha iad a’ casadh air Rob, an coinneanan farsuing fosgailte, agus dìoghaltas ’nan cridhe, ’nuair loisg aon de ghillean Roib, fear Alastair Ruadh Mac-Griogair, orra bho chùl gàraidh, agus a thuit an ceannard. Na dheigh so, bu mhall leo an easan, a’ tilleadh ’s a’ teicheadh, agus chuige so, mar thubhairt am bàrd,— “Am firean, b’esan righ nan ian; Ach Rob b’e righ nan daoin’.” A réir choltas, b’e so an car bu mhiosa thug Rob riamh. Chuir a’ Phàrlamaid rompa ’ghlacadh, agus dh’ òrduich iad a mach na Volunteers. Chaidh na seòid so air a thòir gus an d’ràinig iad Drimein, far na chaith iad an oidhche fo’n armaibh; oir chaidh ’innse dhaibh gu’n robh cùig ceud de na Griogaraìch mar bheagan mhìltean dhaibh. Cha luaithe thainig an latha na smaoinich iad gu’m b’fheàrr teicheadh math na droch fhuireach; agus dhachaidh a ghabh iad. Cha luaithe ràinig iadsan, na chuir a’ Phàrlamaid reisimeid each gus a ghlacadh, agus a chuir iad mîle punnd Sasunnach de airgiod-cinn as. Thug so air Rob e féin ’fholach ann an uamhaich a tha aig bun Beinn-Lòmain—uamha anns an d’ fholaich Bruce e féin roimhe. Bha mi féin innte, a roimhe so ach ma bha, bheir mi mo bharantas nach bi ’ris. Tha i air a deanamh de chlachan mòr a shròic tein’adhair’ us tàirneanach á toabh na beine. Cha’n urrainn ach duine ’n deigh duine dol sìos, agus sin le fàradh agus an deigh a bhi shìos, cha ’n fhaic sibh leus soluis. Cha’n e sin, ach tha ’n t-aite cho fiadhaich, ùldaidh, ’s nach mòr gur urrainn beò-chréutair a thaghal ach na h-iolairean! Dh’fhaodadh e fuireach an so gu là bhreitheanais, mu’n ruigeadh na h-eich air! Anns an àit’ fhàsail so chaith Rob iomadh mìos, le dithis d’a dhaoine. Mu dheireadh, thòisich e air tighinn gu fìorair; agus latha de na làithean, cò choinnich iad ach seachdnar mharcaichean. Dh’ fharraid iad an ainmeannan. Cha do chòrd am freagradh riu. Chunnaic iad nach bu duine cumanta Rob. Bha iad cinnteach a nis as a’ mhile punnd. ’Mach ri bruthach thug Rob ’s a dhithis ghillean; ’mach ri bruthach thug na h-eich as an deigh. Ann an deich mionaidean rinn Rob falach fuinn orra; ach, mo chreach! cha robh a chompanaich cho fortanach—thuit an dithis! ’Nuair chunnaic Rob so, bhuail mirre-chatha. Thionndaidh e orra. Mharbh e triùir, agus ceithir de na h-eich, agus leig e leis an triùir eile cead an cas a ghabhail. (Ri leantuinn.) LITIR A CEAP NOR. A CHARAID.—Ged tha mi dìreach air suidhe gu tòiseachadh air litir eile sgrìobhadh ad ionnsuidh ’s beag nach ’eil fead na gaoithe ’n ear, le cur trom sneachda, ’gam fhàgail mi-fhreagarrach gu adhartas sam bith a dheanamh oirre. Tha sinn am beachd gu’m bheil sneachda gu leòr againn cheana, ged nach tòisicheadh i ’nochd air cur tuilleadh ’n a cheann; ach o nach dean e feum sam bith a bhi ’gearan, ’s fearr dhuinn gu mòr a bhi riaraichte leis an aimsir ge b’e doigh anns a tig i. Biodh i fliuch no tioram, fuar no teth, tha ni ’s miosa gu mor againn ri ar n-aghaidh aig an àm, eadhon an amhach ghoirt, a tha air tighinn beò a rithist ’n ar measg. Dh’ eug triùir chloinne leatha o chionn ghoirid. Bu le Iain Mac Gilleathan an ceud aon; an dara, le Iain Dòmhnullach, aig an eaglais, chléirich, agus an treas aon le Capt. Ailean Mac-a-Phearson. Mur dean an luchd-ùghdarrais an dleasanas, le cuid de na taighean anns an robh an tinneas fhaicinn air an glanadh ni ’s fearr na rinneadh roimhe so, ’s eagal leam gur goirid gus am bi an t-àite làn dheth. Tha e air aithris gur h-ann o’n leddi a thug an tinneas dhachaidh as na Stàidean air an t-samhradh s’a chaidh, a fhuair teaghlach Mhic-a-Phearson e, agus cha’n ìongantach leam idir ged tha’n sluagh gu h-aon-ghuthach air a bìnn air son cho ro anacneasda ’sa tha i air i fein a ghiulan a thaobh an tinneis mhìllteich ud. Tha mi ’faicinn gu bheil MAC-TALLA ’dol a sgur a thaghal air a mhuinntir nach pàigh air a shon roimh thoiseach an ath mhìos. Cha ruig neach sam bith a leas a choireachadh air son sin. Tha cuid anns an t-saoghal le ’m bu mhiann buanachadh air gabhail paipear-naigheachd gu latha am bàis gun dioladh air a shon, agus a shaoileas gu ’m faigh iad a stigh do thir an t-sonais an deigh sin, ach ’si mo bheachd féin gu’m faigh gach aon de’n mhuinntir mhi-onarach sin an dorus tuilleadh as cumhann air an son. Tha cuimhn’ agam air a bhi leughadh mu fhear-deasachaidh àraidh a bha air fhàgail am suidheachadh brònach, a chionn gu’n robh cuid a bha ’m fiachan aige an deigh an saoghal fhàgail. Bha muinntir eile ’toirt a leithid a dheagh chliù orra sud ’s gun robh am fear-deasachaich a làn chreidsinn gu’m bu bhuannachdail dhoibh an latha ’s an do shiubhail iad, air chor ’s gu’n d’ thubhairt e gu tròm-chridheach, “Tha iadsan, gun teagamh, ann an sonas, ach tha mise gun mo chuid fein air son sin.” Tha mi ’n dòchas nach déilig aon dhiubh-san a tha ’m fiachan aig MAC-TALLA cho suarach sid ris an fhear-deasaichaidh, ach gun greas iad d’a ionnsuidh a chuid fein gun mhoille sam bith. M. D. Ceap Nòr, Ian. 18, ’99. Ma bhios tu ’n comhnuidh a’ feuchainn ri bhith ’deanamh math, cha bhi ùine agad gu bhith ’deanamh uilc. RABHADH. Chuireadh an cunntas a dh’ ionnsuidh gach aon a bha air deireadh ann am pàigheadh MHIC-TALLA o chionn dha no tri mhiosan air ais; ach tha àireamh mhor o nach d’ fhuair sinn fios-freagairt sam bith fhathast, a dh’ innse ciod a bha ’nam beachd a dheanamh. Tha sinn a toirt rabhaidh dhaibh sin, nach leig iad a leas suil a bhi aca ris a chòrr dail. Uaithe so a mach tha againn ri postachd a phàigheadh air a phaipeir gach seachdain, agus air an aobhar sin cha ’n urrainn dhuinn leantuinn air a bhi ’ga chur gu muinntir nach ’eil a pàigheadh air a shon. Ach air son cothrom a thoirt do na h-uile, cha chuirear stad air paipeir neach sam bith gu toiseach Februaraidh. An uair sin bidh ainmean na muinntir nach eil a pàigheadh air an toirt bhar nan leabhraichean. Tha sinn an dòchas nach bi an àireamh ach glé bheag; cha toigh leinn a bhi dealachadh ri ar luchd-leughaidh, ach ’s fheudar dhuinn dealachadh riuthasan nach dean an dleasanas. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. Am Feillire. IANUARAIDH, 1899. 1 DI-DONAICH La na Bliadhn’ Uire. 2 Di-luain Crunadh Tearlach II. 1651. 3 Di-mairt Bas an t-Seanalair Mone, 1670 4 Di-ciaduin 5 Dior-daoin An t-seann Nollaig. 6 Di-haoine La nan Tri Righrean 7 Di-satharna 8 DI-DONAICH Donaich nan Tri Righrean 9 Di-luain 10 Di-mairt 11 Di-ciaduin Bàs Mhic Mhic Alasdair, 1828 12 Dior-daoin 13 Di-haoine An fhéill Mhungo. 14 Di-satharna 15 DI-DONAICH (II) Donaich nan tri Righran 16 Di-luain Bàs Shir Iain Moore, 1809. 17 Di-mairt Là na h-Eaglaise-brice, 1745 18 Di-ciaduin Iompachadh an Abstoil Pòl 19 Dior-daoin 20 Di-haoine 21 Di-satharna 22 DI-DONAICH 3 Donaich nan Tri Righrean 23 Di-luain 24 Di-mairt 25 Di-ciaduin Breith Raibeart Burns, 1759 26 Dior-daoin 27 Di-haoine An fhéill Naile. 28 Di-satharna 29 Di-luain 4 Donaich nan Tri Righrean 30 Di-mairt 31 Di-ciaduin Bas Phrionnsa Tearlach 1788 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 7 F An Solus Ur, L. 11, U. 6, M. 36 F A’ Cheud Chairteal L. 18, U. 0, M. 22 F An Solus Lan, L. 26, U. 3, M. 20 F EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 215] [Vol. 7. No. 27. p. 7] GUTH CHONA. Bha cluas ri claisneachd agam bho cheanfada, an dòchas gu’n cluinninn neach-eigin a’ measg luchd-leughaidh a MHIC-TALLA a’ freagairt guth caoin “Chona.” Thug “Cona” a bheachd soilleir, fallain tuigseach fhein, air cho iomchuidh ’s a bha do na Gaidheil a chuid a b’fhear de’n litreachas a chumail air sgeul. Cha’n eil Gaidheal nach do leugh sgriobhaidhean an Urr. Tormod Mac Leoid, comasach a thuigsin an call a tha dhoibh a bhi a dh’ easbhuidh nan sgriobhaidhean a tha ’n “Comhradh nan Cnoc,” s’ an “Teachdaire Ghàidhealaich” agus anns a “Chuairteir.” Tha’n duine solasach, foghlumichte “Caraid nan Gàidheal,” dortadh a mach inntinn mhor shollasach ann am bathraibh anns nach urrainnear bàrr a thabhairt an cainnt air thalamh. Cha ’n ’eil Gàidheal air thalamh aig nach bu chòir na sgriobhaidhean ud a bhi nan lainn-leabhar. Cha ’n eil math a bhi deanamh uaill á ciod a rinn ar sinnsir; choilion iadsan an latha fein; ’s ann a tha againe ri ar linn féin àiteachadh ’sa cur le siol deagh fhoghluim, ’s bidh ar litreachas gun fhior bhlas as eugmhis sgriobhaidhean Thormoid Mhoir uasail bheannaichte agus nan daoine foghlumaichte eile a thug cuideachadh dha. ’S i cheist a nise ciod a tha Gaidhil an domhain gus a dheanamh; an leig sinn bàs na sgriobhaidhean foghlumaichte ud no nach leig. Cha ’n eil ach da fhreagradh de ’n cheist; biodh iad air an ath sgriobhadh airneo bàsaicheadh iad. Is e mo dhòchas gu’n deanair oidhearp dhuineil a chum am fàgail na’n làn mhaise aig an linn a thig na ’r deaghaidh. Fàgaidh duine maith oighreachd do chloinn a chloinne agus tha dòchas agam gu ’fàg an linn so an oighreachd eireachdail “Leabhar nan Cnoc,” “An Teachdaire Gàidhealach,” agus “Cuairtear nan Gleann” do na h-àil a thig na’r deigh. Co a their leam—bhiodh e ceart fios a bhi co miad a chosgadh iad ’s gach Gàidheal a chur thun, an àite anns an cló-bhuailte iad an luach, mu ’m biodh call air bith aig a chlò-bhuailteir Na ’m b’e Gall a bha’n àite fear deasachaidh a MHIC-TALLA bha e ’n diugh na mhilleineir. Sgriobh Ian Mac Laren tri no ceithir de leabhraichean beaga anns nach eil ach neoni làimh ris na bheil MAC-TALLA tabhairt do Ghàidhil, agus is fiach e ’n diugh moran airgid. Cha’n eil buille-’n-corp, ’s cha mhodha tha molladh mairbh ceart, ach cha’n eil moran mollaidh againne ri dheanamh air ar sinnsribh do thaobh litricheas, ach na biodh acasan a thig na ’r deigh sin r’a ràdh mu’r deibhin-ne bha iad treun gaisgeil air raoin a chatha fiughantach na’n deachaidhibh, truacanta na’n gné, ach gu’n suim de’n pheann. AONGHAS MAC AOIDH Providence, R. I. An uair a’s mò ar feum air comhairle, is ann a’s lugha bhios de mheas againn oirre. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. AR STOC GEAMHRAIDH. SLEIGHEACHAN. Air an deanamh leis a Chanada Carriage Co. An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh. ACUINN. Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr BEIN. An “Saskatchewan Buffalo.” CLUIG agus CUIPICHEAN. Dhe gach seorsa. BRATAN-EACH. Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean. Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 216] [Vol. 7. No. 27. p. 8] Oran na h-Oige. LE IAIN MAC ODRUM. An toiseach nam bliadhnaichean ùr’, Deireadh gheamhraidean ùdlaidh nam fras, ’N uair is anmoiche dh’ èireas a’ ghrian, ’S is lionmhoire ’shileas an sneachd; Bi gach leanabh, gach naoidhean bochd, maoth, A’ gabhail gu saothair ’s gu cnead, Aig géiread an fhàillidh ’s an fhuachd, Nach faodar an gluasad bho nead. ’N toiseach Earraich thig Gearran fliuch, garbh, Chuireas calluinn gach ainmhidh air ais, Thig tein-adhair, thig torunn ’na dhéigh, Thig gaillionn, thig èireadh nach lag; Bi gach leanabh, gach naoidhean bochd maoth, Nach urrainn doibh innse de ’n staid, Gun eirbheirt, gun asdar, gun lùth, Gus an teirig an dùdlachd air fad. Mart tioram ri todhar nan crann, A’ sùghadh gach allt ’us gach eas, Gach luibh bhios an gàradh no ’n coill, Gun snodhach, gun duilleach, gun mheas; Bi turadh fuar fionar gun bhlàths’, A’ crùbadh gach àil a thig ris, Bi gach creutair ’n robh aiceid ’s a’ Mhàrt, Tigh’n air èiginn o ’n bhàs, no dol leis. Mios ghrianach ùr fheurach an àigh, ’M bi gach luibh a’ cur blàth os a cionn, Nach bòidheach bhi ’g àrach gach luis, Ur àluinn fo ghucaig ’s fo dhriuchd! Bi gach deòiridh ’n robh aiceid ’s a’ Mhàrt, Fas gu bòidheach snuadhmhor glan ùr, Le eirbheirt, le coiseachd, ’s le cainnt, ’N dèigh gach bochdainn ’s gach sgraing chur air chùl. Bailc-Bhealltuinn nan cuinneag ’s nan stòp, ’S nam measraichean mòra lom-lan, Trom torrach, le uibhean, ’s le eòin, Le bainne, le feòil, ’s le gruth bàn; Fàsaidh gillean cho mear ris na féidh, Ri mire ri leum ’us ri snàmh, Iad gun leth-trom, gun airtneul, gun sgìos, Sior ghreasad gu ìre ’s gu fàs. Mios dhubharrach, bhruthainneach, bhlath, Bheir sìneadh ’us fàs air a’ ghart, Fàsaidh gillean an iongantas mòr, Le iomadaidh bòsd agus beairt; Iad gun stamhnadh gun mhunadh ’nan cèill, Cuid de ’n nàdur cho fiadhaich ri each, ’N dùil nach ’eil e ’s nach robh e fo’n ghrèin Ni chuireas rin fèin aig meud neart. ’N tusa ’n duine ’n robh iomadaidh bòsd, O’ uim nach d’ amhairc thu fòil air gach taobh, ’N e bhi beairteach seach iomadaidh neach, No bhi taitneach mu choinneamh nan sùl? ’N tigh creadha so ’m bheil thu ’na thàmh, Cheis chneadhaig ni cnàmh anns an ùir, Ma ’s droch dheaghad a bh’ agad ’s an fheòil, Thig fathast dhuit dòruinn ’g à’ chionn. Cia mar dh’ èireas do ’n choluinn ’n robh ’m bosd, ’N uair a theid i ’s a bhòrd-chiste dhlùth? Cia mar dh’ èireas do ’n teanga ’n robh cheilg, No do ’n chridhe bha deilbh a mhi-rùn; No do uinneagan buairidh nam miann, Dh’ fhad bruaillein a’ d’ inntinn bho thùs ’S grannda ’n sloc anns an robh iad a’ d’ cheann, ’N dèigh an stopadh le poll ’us le ùir. ’N dèigh a stopadh le poll ’us le ùir Anns a’ chlosaich gun diù is beag toirt, ’S am beagan a thug thu leat sìos, Bheirear buileach e dhìot anns an t-sloc; Cia ’n aghaidh bu mhaisiche fiamh, Cia do shùilean, cia t’fhiaclan, cia t’fhalt, Cia na meòirean an glacaibh nan lamh, Bha cur seachad gach spàirn a rug ort. ’N uair a dh’fhalbhas an Samhradh ciùin blàth, Thèid gach uamhar ’s gach àrdan air chùl, Bi cnuimhean ’g ’ur ithe ’s ’g ’ur searg, Ris an abair iad farmad ’us tnù; ’N uair nach foghainn na dh’ fhóghnadh de ’n bhiadh, ’S nach foghainn na lionas a’ bhrù, Cha robh bheairteas aig Solamh ’s aig Iob, ’Na thoilicheadh còmhlath do shùil. Gur e ’n gaisgeach nach gealltach am bàs, Leis an coingeis an saoibhir no ’m bochd, ’N uair a thilgeas e ’n gath nach tèid iomrall Cho cuimhseach ri urchair a’ mhoisg; Cha’ n amhairc e dh’ inbhe no dh’ uaisl’, Ach gach àrdan ’s gach uamhar ’na thosd, ’S ni cinnteach ’shiol Adhamh o thùs’, Bàs nàdurr’ ’us cùntas ’na chois. Tha iomadh call ann a thig gu ar buannachd, agus tha iomadh buannachd ann a thig gu ar call. Seachainn an t-olc, agus seachnaidh an t-olc thu. DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 217] [Vol. 7. No. 28. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 3, 1899. No. 28. “LEINTEAN FARSUINN DO NA LEANABAIBH OGA.” LEIS AN OLLAMH MAC FHIONGHAIN. ’S cuimhne leam, an uair a bha mi beag ’s an sgoil, dithis de na balaich a bu shine a dhol, latha cheasnachaidh, roimh Ghnathfhocail Sholaimh o cheann gu ceann gun mhearachd. Tha mi de ’n bheachd gu ’m faodadh clann ar latha-ne tuilleadh sheanfhacal is rudan feumail eile ionnsachadh air an teangaidh na tha dol ’s na sgoiltean an diugh, ach cha ’n ’eil ag nach gabhadh meomhair chomharraichte mo dha sheana chompanach cur gu buil a b’ fhearr. Tha an seanfhacal a’ dol á fasan. Bha barrachd meas air mar mhodh-teagaisg ’s an àm a dh’ fhalbh na tha air a nis, na bhitheas air ’s an àm ri teachd. ’S dòcha nach fhaicear gu bràth tuilleadh rìgh cho glic ri Solamh, no duine cho fòghluimte ri Aristotle a’ cruinneachadh sheanfhacal. Cha robh àite air an t-saoghal ’s am bu chridheile a rinneadh beatha ’n t-seanfhacail na ’n ar dùthaich fhéin. Cha robh duine riamh a bu chumhachdaiche chleachd an doigh-chainnt so na Tormod Mac Leoid; cha ’n ’eil leabhar d’a sheòrsa ’n clò a’s fhearr na leabhar Mhic Neacail. Ach eadhon ’n ar measg fhéin, cha ’n ’eil an seanfhacal a nis cho siùbhlach na cho cumhachdach ’s a bha e, ’s ma dh’ fhaoidte gu bheil a’ chùis cho maith. Tha e ’n a dheadh Mhaighstir-sgoil, ach cha ’n urrainn e a h-uile rud a theagasg. Ma bhios tu daonnan a’ leughadh ’s a’ sgrìobhadh ’s a’ cunntas sheanfhacal, fàsaidh tu seanndaidh is seanagarra gu leòir, ach cha mheudaich thu cho mòr t’ eòlas no do ghliocas. “'Mar ùbhlan òir ann an dealbhaibh airgid, tha facal a labhrar gu h-iomchuidh,” arsa Solamh; ach cha ’n fhas an inntinn làidir air “facail iomchuidh” a mhàin, na ’s mò na chinneas a cholunn air “ùbhlan òir,” ged thairgeadh tu do ’n ghoile iad “ann an dealbhaibh airgid.” Cha ghabh eachdraidh do dhùthcha, no suim t’ eòlais, no stéidh do chreidimh, no iomadh ni feumail eile, ceangal gu cruinn, pongail, ann am beairtean beaga de bhriathran glic no sean. Tha ’n seanfhacal a’ cur fa d’ chomhair meur de dh’ fhaireachduin an t-sluaigh, a chuir duine geur air choreigin ann an cainnt bhlasda, mar is trice fo shamhladh taitneach. Tha ’n smuain a réir coslais cho glic, a’ chainnt cho milis, ’s gu bheil sinn ro dheas gu bhi gabhail roimh ’n t-seanfhacal, gun mion-rannsachadh a dheanamh m’a fhìrinn. Bha e air fhagail air Bàrd Muileach gu ’m biodh e ’g innseadh ruidhleagan beaga air uairean. Ghabh a charaid a leithsgeul— “Oir dh’ innseadh tu cho briagh iad ’S nach iarrainn ach an éisdeachd.” Cha mhor againn a ghabhas air a’ bhreug a thoirt do ’n t-seanfhacal. ’S e fìrinn, no co-dhiù taobh de dh’ fhìrinn, a tha mhiann air a bhi teagasg. Ach bha iomadh ni air a chunntas fìor ri linn rìgh Solamh nach seas ceasnachadh cruaidh ar latha-ne; ’s cha ’n ionann dòigh do ’n bhaile so ’s do ’n bhaile ud thall. Ach mur ’eil teagasg an t-seanfhacail an comhnuidh fallan, tha e féin ’na cheann-teagaisg urramach. Cha ’n aithne dhomh stob eile a’s freagarraiche na e air son beachdan cothromach a chur fa chomhair an t-sluaigh. ’S ann air an dòigh so a bu mhaith leam an smuain a tha ’n seanfhacal a ghabh mi mar stéidh a’ thogail, a’ rannsachadh ’s a cheasnachadh, ann an co-cheangal gu sonruichte r’ ar n-eachdraidh, ’s r’ ar dùthaich fhéin. Cha teid samhladh mo sheanfhacail am mearachd air moran. Bidh an leanabh a’ fàs, ’s feumaidh an léine bhi farsuinn. ’S ann ris an tàillear a tha ’n seanfhacal a’ labhairt; ach cha ’n ’eil teagamh nach e pàrantan, maighstirean-sgoile, ministearan, luchd-riaghlaidh, luchd-teagaisg de gach seòrsa,—tàillearan na h-eanachainn, mar gu ’n abradh tu—a tha gu sonruichte ’n a bheachd. ’S an dol seachad, faodar fheoraich c’arson a bhiodh daoine, anns gach àm ’s anns gach àite, cho ullamh gu bhi labhairt suarach mu na tàillearan? Tha a’ chéird sean, ’s cha tigear gu ro mhaith as a h-eugmhais: “’S i chiad chéird an tàillearachd,” thuirt aon d’ ar bàird fhéin. Co-dhiù b’ i chiad chéird i no nach b’ i, bha i air a’ chiad fheadhainn, ’s faodaidh tu bhi cinnteach gu ’m bi i air an fheadhainn m’a dheireadh. Ach ’s gann a dh’ aidicheas a bhràithrean gur duine an tàillear idir. Bha rudeigin de leithsgeul aig a’ Ghaidheal, nach do chleachd a bhi comhdach ach roinn d’a choluinn, air son amharc sios air an dreuchd: “Cha bu duine tàillear; Cha bu duine dhà dhiubh; Chuireadh am fitheach le creig Da fhichead ’s a dhà dhiubh.” Ach ’dé ’s ciall do ’n t-Sasunnach a bhi ’g ràdh gu ’n gabhar naoi tàillearan a dheanamh aon duine? Tha e fìor nach ’eil an t-snàthad ach aotrom; ’s nach dochainn e cnaimh a bhi ’g a cluiche. Dheanadh fear na leth-laimh tàillearachd; ’s air son cuid nan cas dheth, ’s ann a bhiodh iad as an rathad ort. O shean ’s e ’m bacach, an ciurramach, gin-mhaith no troich an teaghlaich, am fear nach b’ urrainn treubhas a dheanamh a muigh, a chuirteadh a dheanamh triubhais a stigh; agus cha ’n ’eil teagamh nach e so a bu cheann-aobhair do ’n tàir a lean ris a’ chéird. Ach tha aite urramach aig na tàillearan ann an Litreachas ’s an Seanachas nan Gaidheal. Bha tàillear aig na Fianntan. Ma ’s fhìor an t-oran, fhuair Fionn fear uair,—ach air do bhàs na h-innis do ghillean an fhéilidh e, ’s ann a dheanamh brigis. Bha Oscar, a réir coslais, rùisgte ’s an àm,—cho luideagach ’s a bha Iain Mac Codrum, an uair a rinn e Aoir do na Tàillearan. Fhuair Oscar greim air tàillear Fhinn, ’s thug e ordugh teann dha làmh a thoirt air an aodach aige-san, a’ maoidheadh air, mur biodh an deise ullamh an la ’r na mhàireach ‘Gu’n tugadh e ’n ceann as a mhuineal.’ Cha do chord so ri Fionn; ’s bha ’n iorguill air a bonn eadar e fhein is ogha, Conan leibideach a’ séideadh na caonnaig mar a b’ àbhaist. Rinn Diarmad an t-sìth eadar Oscar ’s a sheanair; agus ma bheirear creideas d’a chainnt-san, cha robh a’ bheag de mheas air na tàillearan ’s an àm, no moran obair ann dhaibh: “Dh’ eirich Caoilte, dh’ eirich Diarmad, ‘A dhaoine gu dé ’n ciall a th’ agaibh, Stri mu làn pùidse ’thàillear, ’N aon là gu riaraich e air fad sibh.’” ’S e teanga sgaiteach an tàillear Mhic Neachdain a ghluais teanga sgallaiseach Dhonnachaidh Bhàin: “Is do theanga mar reusar, Le taineid ’s le geireid,— Thug thu deannal dhomh féin di, O, ’sann agad tha ’n eucoir, C’ uim’ nach paighinn thu ’n éiric do sgeoil.” Co ’n saighdear a bu ghaisgeile na tàillear na Manachainn, a dh’ fhuaigh a ghreim ’s a bhuidhinn a gheall, ged bha “A’ chròg mhor fhada liath ’s i gun bhiadh” teann air. ’S ann ris an tàillearachd a bha Ailean Dall gus an do chaill e léirsinn. ’S ann ’na thàillear a bha ’m bàrd ainmeil Ileach, Mac Dhunleibhe. Cha mhòr nach biodh uiread fonn oirnn ri òrain ’s ri sgeulachdan an tàillear ’s a bhiodh oirnn r’ ar n-aodachd ùr; agus is dòcha nach ’eil a’ bheag ’nar measg nach do chuir seachad iomadh oidhche shunndach ann an cuideachd an tàillear. Tha a’ Bhardachd Ghaidhealach fo chomain mhòir do ’n chéird, agus cha bu mhaith leam fhéin, air a h-aon, a bhi cur sìos oirre. ’N uair a bhios sinn a’ labhairt mu thùs ar beatha no m’a crìch, tha sinn ann an tomhas mòr a’ labhairt a réir creidimh, ’s cha ’n ann a réir seallaidh. ’Na chorp ’s ’na inntinn tha ’n duine “uamhasach is iongantach” air a dhealbh. Cha léir dhuinn “slighe ’n spioraid;” cha tuig sinn “cionnus a dh’ fhàsas na cnamhan anns a’ bhroinn.” Ach air so tha lan-chinnt againn,—gu bheil aig buaidhean na h-inntinn cho maith ri buill a’ chuirp làithean an leanabachd ’s an laige; laithean an òige ’s an treise; làithean an aois ’s an sgìos. Tha fhios againn, cho cinnteach ’s a tha biadh is aodach is obair feumail air son slàinte is fàis a’ chuirp, gu bheil lòn is obair fhreagarrach ceart cho feumail do ’n inntinn, mu ’n ruig i air lan-fhàs ’s air lan-neart nam buaidean a bhuineas dhi. Cha ’n ’eil an duine cosmhuil ri soitheach a lìonas tu de dh’ eòlas ’s de chomhairlean, mar a lìonas tu barailte de sgadan no sac de shìol, no cliabh de bhuntàta,—’s ma tha ’n t-eòlas feumail ’s na comhairlean glic, gu bheil a h-uile gnothach gu ceart. ’S ann a tha ’n duine air a dheanamh suas de dh’ fheartan ’s de chomasan a dh’ fhàsas, le deadh ghiullachd, laidir agus maiseach, gu bhi ’n an urram do ’n òg, ’n an coran-glòir do ’n aosda; ach, le droch ghiullachd, a thionndas gu bhi ’n am mallachd dha féin, ’n an cunnart ’s ’n an gràinealachd d’a choimhearsnach. Tha an duine mar a’ chraobh: tha a bhun ’s an talamh, ach tha iarrtus an àird. Tha e sgaoileadh a fhreumhaichean ’s an fhonn as am bheil e fàs; tha e cur a mach na mìltean faile sin is meanglan an coinneamh na gréine ’s a bhlàiths. Le dragh a chaitheadh ris, le curam, ’s le faire, fàsaidh an duine suas gus am faodar cainnt ghreadhnach an fhàidh mu ’n chraoibh a luaidh ris: “Dh’ fhas a’ chraobh, agus bha i làidir, agus ràinig a h-àirde gu neamh, agus a sealladh gu crìch na talmhainn uile: bha a duilleach maiseach, agus a toradh pailt, agus innte bha biadh air son nan uile: bha aig beathaichean na macharach sgàile foipe, agus ghabh eunlaith an adhair comhnuidh [TD 218] [Vol. 7. No. 28. p. 2] ’n a geugaibh.” Agus air an làimh eile, nach fhaca sinn air fad, iomadh duine cho maith ri craobh, mu ’m faodta ràdh gu ’n robh na freumhan air grodadh, an stoc air crìonadh, na meanglain air seargadh, an duilleach air tuiteam,—a’ chraobh, cha ’n ann a mhain a’ diùltadh toraidh, ach a’ fàsachadh na talmhainn mar an ceudna. Cha robh aig ughdar an t-seanfhacail, ma dh’ fhaoidte, ach duine ’s duine, daoine fa leth, ’n a shuil. Ach cha bhi beachd cothromach againn air lan-bhrìgh na smuain a tha e dusgadh, gun bhi gabhail greim air riaghladh ’s air teagasg an t-sluaigh, cho maith ri togail teaghlaich, ’s ri oilean nan òg. Cha ’n ’eil aon againn a’ tighinn beò dha féin a mhàin: “Cha ’n ’eil e maith gu ’m biodh an duine ’n a aonar.” Tha sinn uile an crochadh r’a chéile air aon dòigh no dòigh eile; ’s tha feuman ura ’s feartan ura ’g éirigh o’n cheangal a tha eadar thu fhéin ’s do choimhearsnach. Olc air mhaith leat e, tha thu ’n ad latha ’s ’n ad inbhe féin, ad chumhachd beag no mòr, air son maith no uilc, am measg do luchd-duthcha; ’s tha còraichean nach fhaodar àicheadh, dleasdanais nach fhaod thu dhearmad, co-cheangailte ri t’ àite am measg an t-sluaigh. Ach cha ’n e so air fad e. Tha an eachdraidh fhéin aig sluagh mar chòmhla, mar a tha aig gach duine fa leth. Ma sheallas tu air cursa an t-saoghail cho fad ’s a tha iomradh air, nach faic thu treubh an sid ’s an so, a’ fàs ’na chumhachd mòr, agus sluagh eile a bha aon uair treun a’ dol as an t-sealladh. Chaidh seann rioghachdan na h-Asia le am mòrachd ’s an greadhnachas thairis, agus tha daoine foghluimte a nis a’ cladhach an eachdraidh ’s a’ togail an cathraichean as ur á uaigh nam bliadhnachan. Dh’ fhalbh cinnich is fineachan eile, ’s cha d’ fhàg iad ach gann an ainm ’nan déigh. Ma ghabhas tu teagasg mo shean-fhacail, mata, ’na làn-fharsuinneachd, saoilidh mi gur e so e: cothrom-fais do ’n duine ’na choluinn ’s ’na inntinn; do ’n t-sluagh ’n an riaghladh, ’n am beachdan, ’n an eachdraidh. ’S e coir an leinibh gu’m bi an léine farsuinn. (Ri leantuinn.) MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XII. A DOL AIR IMRIG. B’ i so a’ cheud bhanais aig an robh mi riamh, agus air an aobhar sin tha cuimhne mhath agam air gach ni a thachair. Bha’n latha geal ann mu’n do chairich sinn a taigh na bainnse. Cha robh cabhag mhòr orm fhein gu falbh as; oir bha toil agam a bhith cho fada ’s a b’ urrainn mi ann an cuideachd na maighdinn dhe’n do ghabh mi tlachd cho mòr. Ach ged nach robh mi ag ràdh facal rithe, bha mi riaraichte gu leòr le bith ’g amharc oirre fo ’n t-sùil an dràsta ’s a’ rithist. Feumaidh mi aideachadh gu’n robh mi a cheart cho toilichte le bhith ’g amharc oirre ’s a bhithinn ged a gheibhinn cothrom air greis chomhraidh a dheanamh rithe. Aig an àm ud, cha robh fhios agam ciod bu chòir dhomh a radh rithese, no ri te sam bith eile. Bha mi anabarrach diùid gu nàdarra; ach b’ ainneamh fear a bha na bu ghaolaiche air na h-igheanan na mi. Bhithinn a’ smaointean orra air an latha, agus a’ bruadar orra air an oidhche. Ach ged a thachradh te dhiubh rium air an t-sràid cha b’ urrainn mi a’ bheag de chomhradh a dheanamh rithe. Ach cha’n ’eil aobhar dhomh a bhith ’g radh moran mu’n chùis aig an àm so. An ceann an dara bliadhna fhuair mi leasachadh math tuarasdail. Bha mi aig an àm an déigh eòlas a chur air dithis no triùir de spalpairean òga a bha rudeiginn mòr asda fhein. Bha iad a’ fuireach ann an taighean a bha mòran na b’ fhearr anns gach dòigh na ’n taigh anns an robh mise ’fuireach. Bhithinn uair is uair a’ dol do na taighean aca, agus bhiodh iadsan a’ tighinn pailt cho tric ’g am amharc-sa. Truaillidh droch comhludar deadh bheusan. Thòisich mise gun fhios dhomh fhein ri fàs mòr asam fhein. Bha toil agam a bhith coltach ri m’ chompanaich, nam faodainn. Bha mi h-uile buille cho math dheth riutha fhein ann am biadh ’s an aodach. Bha mo phàrantan an comhnuidh ’g am chumail ’nam fhaireachadh air eagal gu’n deanainn dearmad air mi fhein a chumail ann an deadh bhiadh. Cha robh mi ’ceannach dhomh fhein dad de nithean grinne, daora ’tha air bheagan brìgh; oir cha leigeadh mo thuarasdal leam a’ bheag a cheannach ach ni a bhiodh fìor fheumail dhomh. Ach cha robh an seòmar anns an robh mi ’fuireach a’ còrdadh rium idir. Bha e car dorocha; oir bha na taighean a bha mu choinneamh na h-uinneig gu math àrd, agus o’n a bha ’n t-sràid caol, bha na taighean a’ cumail an t-soluis bhar na h-uinneig. An uair a thigeadh na spalpairean spaideil air an do chuir mi eòlas g’ am fhaicinn, bhiodh iad a’ gearain air cho dorocha ’s a bha ’n seòmar, agus ag ràdh, gu’m b’ fhearr dhomh a dhol a dh’ fhuireach a dh’ àite eile. Mu dheireadh thòisich mi fhein ri smaointean gu’m biodh e pailt cho math dhomh an imrig a dheanamh do dh’ àite a bhiodh na bu shoilleire, na bu ghlaine, agus na bu dluithe air àiteachan comhnuidh nan uaislean. A nis, ged a bha ’n seomar anns an do chuir mi seachad corr is dà bhliadhna beag, agus rudeiginn dòrcha, bha e ’na sheòmar cho grinn ’s cho glan air a chumail ’s a bh’ ann an Glasacho. Cha b’ urrainn boirionnach a bhith na bu chùramaiche mu dheidhinn mo leithid na bha bean an taighe. Bha i cho onarach ris na glasan. Dheasaicheadh i mo bhiadh gu grinn glan; agus bha i cheart cho cùramach dhiom ’s a bha iomadh màthair mu a mac fhein. Aig an àm cha robh mise cho measail air gach comhfhurtachd is caoimhneas a bha mi ’faotuinn uaipe ’s bu chòir dhomh. Tha e gu tric a’ tachairt nach ’eil daoine a leith cho measail air nithean matha gus am bi iad air an toirt uapa. Bha aithreachas gu leòr ormsa a chionn gu’n d’ fhalbh mi as an taigh aice. An uair a shuidhich mi gu ’n deanainn an imrig, thòisich mi ri feòraich dhe mo chàirdean òga, c’aite an stiùireadh iad mi a dh’ iarraidh àite fuirich. Bha iad uile deònach mo sheoladh a dh’ àite math, bha iad ag ràdh; ach cha robh a h-aon dhe na taighean a dh’ ionnsuidh an robh iad ’g am stiùireadh a’ freagairt orm. Mar bu trice, bha na màil a bha na mnathan ag iarraidh air na seòmraichean tuilleadh is mòr leam. Cha’n e nach b’ fhiach gach fear dhe na seòmraichean am màl a bha iad ag iarraidh; ach cha leigeadh mo sporran leam fear seach fear dhe na seòmraichean a ghabhail. Bha e air a theagasg dhomh ’nam òige, gu’m b’e mo ghliocas cho math ri mo bhuannachd an aire mhath a thoirt nach leiginn le mo chosgais a bhith na bu mhò da mo thuarasdal. So comhairle cho math ’s a fhuair mi o mo chàirdean riamh. Bha mi gun m’ fhortan a dheanamh fhathast nan do chuir mi a’ chomhairle mhath so ann an suarachas. Mu dheireadh, an uair a bha mi ’fàs sgìth de bhith ’falbh o shràid gu sràid feuch am faighinn àite fuirich ùr a fhreagradh orm, thuirt mi rium fhein gu ’m bu cho math dhomh fuireach car ùine far an robh mi. Mu’n deachaidh mòran ùine seachad thachair dhomh eòlas a chur air duine òg a bha, a réir choltais, glé fhoghluimte. Thuirt e rium gu’n robh àite falamh anns an taigh anns an robh e fhein a’ fuireach a fhreagradh orm anabarrach math. Dh’innis e mòran dhomh mu mhuinntir an taighe. Thuirt e gu’n robh iad uile anabarrach fiosrach agus foghluimte, agus gu ’n d’ fhuair e fhein mòran eòlais agus fiosrachaidh uapa. A dh’ aon fhacal, mhol e iad cho math ’s gu’n do chuir mi romham gu’n rachainn a dh’ fhuireach do ’n taigh, na’s lugha na bhiodh am màl a bhiodh iad ag iarraidh cho mòr ’s nach rachadh agam air a phàigheadh. Air feasgar Di-sathairne chaidh mì thun na taighe. Chòrd a choltas o’n taobh am muigh rium glé mhath. An uair a bhuail mi an glag, thainig boirionnach òg ann an éideadh grinn, glan a dh’ fhosgladh an doruis. Dh’ aithnich mi air a coltas gu’n robh deadh nàdar aice; agus faodaidh mi ràdh nach robh mi meallta ’nam bharail. Dh’ innis mi dhi an turus air an robh mi, agus ghrad’ dh’ iarr i orm a dhol a steach. Chord an seomar-suidhe rium glé mhath. Bha dà uinneig ann, agus bha na dh’ fhoghnadh de dh’ innsreadh ann. Ach b’ e an rud bu mhò a thog m’ aire na bh’ ann de leabhraichean. Bha cuid dhiubh ann am preasa air an robh dorus glaine, agus bha cuid eile dhiubh an sid ’s an so ’nan torram air an urlar ri balla an t-seòmair. Bha mi aig an àm gle dheidheil air a bhith ’leughadh leabhraichean, agus an uair a chunnaic mi na bh’ anns an t-seòmar dhiubh, thuirt mi rium fheim gu’m b’e mo ghliocas còrdadh a dheanamh mu’n t-seòmar, nan rachadh agam air. Bha mi gu bhith ’cadal anns an aon t-seomar ris an duine og a chomhairlich dhomh an seòmar a ghabhail. An uair a chuala mi an t-sùim a bha ri phàigheadh ’s an t-seachdain, ghrad thuirt mi gu’n gabhainn mo roinn dhe na seomraichean; oir bha mi ’meas nach robh am màl as an rathad idir. Thuirt mi ris an nighinn oig gu ’n rachainn a dh’ fhuireach aca air an ath Dhi-sathairne. Thuirt i rium gu ’m b’ fhearr dhomh taghal feasgar Di-luain, an uair a bhiodh a màthair a staigh, agus gu ’n innseadh a mathair dhomh cò an latha bhiodh na seòmraichean deiseil air mo shon. Dh’ aontaich mi so a dheanamh. Mu naoi uairean oidhche Di-luain rainig mi an taigh. Thainig a nighean òg a chunnaic mi Di-sathairne a dh’ fhosgladh an doruis dhomh. Threoraich i steach do’n t-seomar mi. An ceann tiotaidh thainig a màthair a steach far an robh sinn. Cha do chòrd a coltas rium idir. Bha i àrd, fad-chasach, caol, sleamhuinn, lachdunn. Bha dà shùil bheaga, bhiorach ’na ceann, coltach ri sùilean fir dhe na daoine a bhios a’ glacadh nam meirleach. Bha sròn leathainn, choctaidh oirre, agus beul mor sproilleach. Bha aghaidh fhada, agus gruaidhean corrach oirre; agus bha pailteas de fhalt tiugh, crasgach, dubh oirre. A dh’ aon fhacal, ar leam aig an àm gu’n robh i air bhoirionnach cho duainidh ’s a b’ urrainn a bhith. Ach an uair a dh’ fhàs mi beagan na b’eòlaiche oirre theirinn rium fhein nach robh i cho fìor dhuainidh ’s a bha mi ’n dùil. Thug i greis air comhradh rium mu thimchioll nithean air nach robh eolas sam bith agamsa. Cha robh e’n comas dhomhsa mòran a radh mu nithean air an robh mi aineolach, agus mar sin cha robh mi ach ag aontachadh leatha. Cha robh so a’ mi-chordadh rithe idir; oir thuirt i, “Tha mi tuigsinn gur duine òg thu a fhuair deadh oilein. Fanaidh tu samhach an uair nach bi fhios agad ciod is còir dhut a radh. Ma tha toil agad a bhith fo mheas aig daoine a’s àirde inbhe na thu fhein, eisdidh tu riutha, agus cha bhi thu ro dheas gu cur ’nan aghaidh, eadhoin an uair a bhios tu cinnteach gu’m bi iad mearachdadh ’nam beachdan.” Thuirt i mòran eile air nach ’eil cuimhne agam; oir bha i ’labhairt mu nithean diomhair ann am briathran a bha anabarrach domhain air mo shonsa aig an àm. Thuirt i rium gu’m faodainn seilbh a ghabhail air na seomraichean latha sam bith a thograinn. Lean i thun [TD 219] [Vol. 7. No. 28. p. 3] an doruis mi ’s i sìor bhruidhinn cho fileanta ri fear-tagraidh. Air an rathad dhachaidh bha mi ’dol fo m’ smaointean mu dheidhinn na h-imrig. Bha fhios agam nach b’ urrainn dhomh a bhith ann an àite sam bith eile cho math dheth ’s a bha mi far an robh mi; ach bha toil agam a bhith ann an àite anns nach biodh nàire orm ged a thigeadh na spalpairean òga air an do chuir mi eòlas g’ am amharc. Ged a bha mi greis mhath eadar dha chomairle, shuidhich mi mu dheireadh gu’n deanainn an imrig. (Ri leantuinn.) AM FREICEADAN DUBH. Co nach cuala iomradh air cruadal agus gaisge nan saighdearan Gàidhealach. Fhuair gach aon de réiseamaidean anfheillidh cliù nach bu bheag anns na làithean a dh’ fhalbh agus tha iad a nochdadh bho àm gu àm nach eil am misneachd no an cruadal a dol a laigead. ’Nam measg uile cha robh aon a bu airidhe air cliù na ’m Freiceadan Dubh. B’i so a cheud réiseamaid Ghàidhealach a chaidh a shuidheachadh airson seirbhis air feadh imperachd Bhreatunn. Anns a bhliadhna 1730 chaidh sea buidheannan a thogail anns a Ghàidhealtachd le àireamh de dhaoine uaisle gu bhi nan luchd-dian do ’n tir mu thuath an Alba. Bha mu cheud duine anns gach buidheann diu so. B’e na h-uaislean a thog iad,—am Morar Mac Shimi ceann-cinnidh na Frisealach; an Ridire Donnachadh Caimbeul, Loch-nan-eala; an Còirneil Grannd, Baile-an-dallach; an Còirneil Alasdair Caimbuel Charrick, agus Seòras Mac-an-Rothaich, Cùl-chàrn. Bha na buidheannan so ann an suidheachadh fad o chéile anns na caochladh àitean de’n Ghàidhealtachd do ’m buineadh iad. Bha na daoine a bhuineadh do dh’ Aird ’ic Shimidh air an suidheachadh aig daighneachd Chill-a-chuimein, na Granndaich ann am Bàideanach ’s ann a Strath-spé, na Rothaich ann an siorramachdan Rois us Sutharlain; ’s mar sin a thaobh chàich. Bha iad mar sin fad naoi no deich de bhliadhnachan a gleidheadh na sith anns na h-ionadan anns an robh iad a chòmhnuidh. Bha iad a deanamh obair mhath aig an àm so ged a bha iad beag an àireamh agus sgapta bho chéile. Anns a bhliadhna 1739 chuireadh am mach litir le òrdugh Righ Seòras a’ toirt ùghdarras do Iain, Iarla Chraphuirt agus Lindsay, na buidheannan Gàidhealach a bhuineadh do’n Fhreiceadan Dubh a chruinneachadh ri chéile agus ceithir buidheannan eile a thogail agus mar sin réiseamaid ur a chur air chois. Bha so air a dheanadh. Anns a bhliadhna 1640 thainig iad cruinn anns an ait’ a bha air a shònrachadh, eadar Drochaid Thagha agus Aberfeallaidh an siorrachd Pheairt. Thugadh dhaibh an àireamh da fhichead ’s a tri. Agus o’n àm sin a mach bha iad mar aon de réiseamaidean na rioghachd ag gabhail an àite am measg arm an righ. Gus a so cha robh an uidheam éididh de’n aon seòrsa. Fhad ’s a bha iad ’nam buidheannan dion ’s a Ghàidhealtachd bha ’m breacan féin aig gach buidheann, ’s e sin ri radh, bha na daoine a bhuineadh do Mhac Shimidh air an éideadh ann an breacan nam Frisealach, na Rothaich ’nam breacan féin, agus mar sin a thaobh chàich. Ach ’nuair thainig iad uile gu bhi fo aon ard-cheannard nar réiseamaid dhealbh iad breacan ùr air an son fein eadar-dhealaichte bho bhreacan sam bith eile. B’e sin “Breacan an Fhreiceadain Dhuibh.” Dh’ fhan iad ann a siorrachd Pheairt àireamh de mhiosan air a fòghlum le Còirneil, an Ridire Rob Mac-an-Rothaich, duine ainmeil a thaobh eòlas agus tuigse air ealaidh an airm. Cha b’ fhada gus na dh’ fhàs iad deas, ealanta mar shaighdearan. Aig an àm so bha Iarla Chraphuirt air a thoirt bhuapa agus chuireadh Brigadier-General, an tighearna Sempill ’na àite. Chaidh an sin òrdugh a thoirt gu’n rachadh an Freiceadan Dubh do Shasunn. ’Nuair rainig iad Lunnainn bha amharus aca gu’m b’e rùn an luchd-riaghlaidh an cur a chogadh ann an tirean céin agus dhaibh a bhi air a fasdadh air son seirbhis an taobh a stigh criochan na rioghachd chuir iad rompa nach fàgadh iad Breatunn a muigh no mach. ’S e bha’nn gu ’n do thog iad orra gu tilleadh air ais do’n Ghàidhealtach. Bha so an aghaidh riaghailtean an àirm. Cha deachaidh leo anns a chuis; agus ’se thàinig as gu’n do chuireadh triuir de ’n luchd-ceannairc gu bas mar eisempleir do chàch. An deigh so chaidh am Freiceadan Dubh a gu chur cogaidhean ’san Roinn Eòrpa agus is iomadh uair a nochd iad nach robh saighdearan aig a chrùn a bu dilse no bu ghaisgeile na iadsan. ’S e tighearna Sempill a bha air an ceann gus a bhliadhna 1745. Air a bhliadhna sin ghabh tighearna Iain Muireadh ’àite mar Chòirneil. B’ iad so na ceud ard-cheannardan a bha air an réiseamaid; an toiseach Iarla Chraphuirt, an sin tighearna Sempill, agus an treas ard-cheannard a bha orra an tighearna Mureadh (Murray,) mac do Dhiuc Athal. Anns a bhliadhna 1743 bha iad air an cur a null gu Flanrais (Flanders) a chogadh an aghaidh nam Frangach. Bha iad air an cumail air ghluasad bho àite gu àite anns an tir so fad da bhliadhna agus ghluais iad iad fein cho iomchuidh a measg an t-sluagh agus gu ’n do sgriobh an Elector Palatine gu righ Seòras a thoirt taing dha air son cho iomchuidh ’s a bha saighdearan na reiseamaid so nan giùlan. Chriochnaich e an litir mar so:—“I will always pay respect and regard to a Scottishman in future.” Anns a bhliadhna 1745 chuir Luthais XV. Righ na Frainge roimhe gu’n briseadh e stigh air na Tirean Iochdarach (The Netherlands.) Bha na h-Austrianaich na Dùitsich, agus na Breatunnach ’na aghaidh. Bha na Frangaich fo chomand Marshal Saxe. Bha ’n t-arm Breatunnach agus Duitseach fo command an Diuc Cumberland (buitsear Chuil-fhodair) nach robh aig an àm ud ach òg agus gu’n mhoran eolais air saighdearachd. ’S e sean laoch eòlach a bh’ ann a Marshal Saxe. Thainig an da arm fa chomhair a cheile aig Fontenoy. B’e so a cheud uair do’n reiseamaid a bhi ri aghaidh catha. ’S iomadh cath fuilteach a thug iad o’n uair sin. Air an aonamh latha deug de’n Mhai, 1745, thugadh an cath ainmeil so. Nochd Cumberland nach robh e eòlach no glic mar àrd-cheannard a thaobh an dòigh anns an d’ thug e òrdugh dol an coinneamh nam Frangach a bha gu mor ni bu lionmhoire na iadsan, agus air an tarruing a mach air cnoc àrd os an ceann. Nuair dhluthaich an da arm ri cheile dh’ fhosgail na batterian Frangach an cras le teine cho uamhasach ’s gu ’n robh an t-arm Breatunnach a tuiteam gu bras. Ghabh na Duitsich an ratreut, ach chum càch air aghadh a cur rompa a bhuadh a thoirt a mach. Thug an Réiseamaid Dhubh suas am bearradh le aon roid agus sud an sàs iad anns na Frangaich le ’n cuid bheiglaid agus na’n robh a chuid eile de’n arm air seasamh mar bu choir dhaibh air an cul, bha ’n latha air dol an aghaidh nam Frangach. (Ri leantuinn.) ROB RUADH MAC-GRIOGAIR. Earrann III. LE LACHUINN MAC GILLEAIN. Bha Rob a nis air ’uideal feadh nam beann, ’s e na aonar. Thuit càileigin de leann-dubh air—cha b’ ann air a shon féin, ach airson a mhnatha agus a theaghlaich; agus chuir e roimhe, thigeadh mar thoilicheadh, gu ’n rachadh e ’gan amharc. ’Sann mar sin a bha—mheantraich e ré na h-oidhche; agus ’nuair ràinig e, chaidh innse dha gu’n do chuir Diùc Authail fios, latha no dhà roimhe, e ’dhol ’ga fhaicinn. Bha Rob an imcheist ciod a dheanadh e. Bha fhios aige gu ’n robh mìle puìnnd-Sasunnach de airgiod-cinn as, agus bha ’bharail féin aige air an Diùc—fhuair e ’chorag a losgadh uair no dhà le ’leithid. ’Se ’rinn e, sgrìobh e chum an Diùc a dh’ fheòraich ciod a bha ’dhìth air, agus ciod a ghnothach ris-san; agus, anns an litir, ag ràdh ris, an clar an aodainn, nach bu mhodha leis na bhi earbsach as ’onair, agus mar gealladh e ann an dubh ’s an geal, air ’onair, nach beanadh e do fhuiltein a chinn, nach rachadh cas dheth air a thàlaich. ’Nuair ràinig an litir an Diùc, sgrìobh e air ais, làn de bhòidean ’s de gheallaidhean nach éireadh beud dha—nach robh a dhìth air ach a bharail agus a chomhairle fhaotuinn do thaobh puinc no dhà de ghnothaichean na rìoghachd. Air sàil na litir so, thainig teachdaire le bann-dìdeinn, eadhon bho ’n Pharlamaid. ’Nuair chunnaic an duine còir, Rob, so, shuidhich e e latha ris an Diùc; oir có ’smuainicheadh air cealgaireachd agus eas-onair ann an inntinn agus sloinntearachd co àrd? ’Nuair thainig an latha, dh’ fhalbh Rob air muin eich—a ghille na chois, “S a mhìol-choin air lo’ain, Cuid diubh roimhe ’s na dhéigh”— agus ràinig e Caisteal Blaìr. ’Nuair chunn’cas a’ tighinn e, thainig an Diùc a mach na choinneamh, a chur fàillt’ air. ’Sann an sin a bha’n sodan ’s am miodal! “’Sann orm tha’n toil-inntinn ’s a’ mhoit do leithid de cheatharnach fhaicinn aig mo thigh; ach, bho nach fuiling a’ Bhan-diùc sealladh de neach air bith fo armaibh taobh stigh a’ chaisteil, ’s feàrr dhuit do chlaidheamh ’s do bhiodag a chur dh’iot, agus am fàgail a muigh.” Rinn Rob mar dh’iarr—chuir e dheth a chlaidheamh ’s a bhiodag, agus chaidh e féin agus an Diùc a shràdeamachd do’n ghàradh-mhòr. Cha robh iad fada sa’ ghàradh ’nuair choinnich iad a’ Bhan-diùc. Chuir i fàilt’ air Rob, agus thubhairt i gum b’ iongantach esan a bhi gun chlaidheamh, gun bhiodag! Leas a so, thug i ’bhriag d’a fear. Chunnaic Rob mar bha. Bheireadh e’n saoghal a nis airson a chlaidheamh. Sheall e an aodann an Diùc, le sealladh nach b’ urrainnear a mhi-thuigsinn. “Tha mi ’ga d’ thuigsinn, a Mhic-Griogair,” ars’ an Diùc, “ach thog thu ’leithid de bhruaillean feadh na dùthcha, ’s gum feum thu dol do Dhunéidin.” “A réir choltais, tha mi air mo bhrath, matà!” arsa Rob. “A bheil e creideasach gu ’n do reic duine coltach riutsa ’fhocal, fhìrinn, ’onair, agus mòrachd ’ainme, airson brìbe shuarach dhiombuain? Ach, a thraoiteir,” ars’ esan, ’se tarruing na dùirne, “dìolaìdh tusa air a so fathast.” Chuir e’n eanchainn as le aon dòrn, mar bhith, anns a’ cheart mhionaid, gu’n do leum trì-fichead saighdear suas làmh riu, le oifigeach air an ceann, a ghlac Rob, agus a thug leo e na phrìosanach! Tha Rob Ruadh Mac-Griogair a nis air a bhrath, air a ghlacadh, agus air iomain, gun chlaidheamh gun bhiodag gu tigh-leanna suarach anns a’chlachan. Cha robh Diùc Authail gun mhoit a’s gun mheodhail gu’n do ghlac e Rob. Chuir e gille agus steud-each a thiota do Dhunéidin le litir, a dh’innse gu ’n do ghlac e’n robair ainmeil Rob Ruadh, ’s nach b’ ann gun strì, ’s a’ guidhe air ceannard an airm buidheann shaighdearan a chur chuige, ’chum Rob a thoirt leo. Cha luaithe ’ràinig an teachdaire na chuireadh air falbh buidheann thaghta, a mhèars’ a latha ’s a dh’oidhche gus an d’ ràinig iad Cinross, far an robh Rob ri bhi air a liubhairt doibh le cuideachd-aotram á Peairt, gun dulchunn, gun ionnsachadh. ’Nuair chunnaic an Diùc iad, chart e dhachaidh iad, ag ràdh, nach earbadh (Air a leantuinn air taobh 222.) [TD 220] [Vol. 7. No. 28. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, FEBRUARAIDH 3, 1899. NA CEILTICH. Tha iomadh ni a dearbhadh gur ann am meadhon Asia a thòisich an cinne-daoine. Tha e air innseadh dhuinn ann an leabhar Ghenesis, gur ann an gàradh Edein a bha an dachaidh aig Adhamh agus Eubha air tus. Is iomadh duine tuigseach a rinn oidheirp air faotainn a mach gu cinnteach, pongail, am fior àite anns an robh an gàradh iomraiteach so. Tha e soilleir gu leoir gu robh e dluth air an amhainn Euphrates. B’ abhaist do sgoilearan le ’n ealdhain dhichiollach a bhi ’cumail a mach gur ann mu thuath de ’n dùthaich fharsuing, chomhnard troimh am bheil an Tigris agus an Euphrates a’ dortadh a nuas an uisgeachan troma, lionmhor, a bha gàradh Edein. Thainig feadhainn eile ’bha ag radh le guth ard, foirmeil, gur ann an Cashmere—ionad anabarrach boidheach agus torach ann an Innsean na h-airde ’n Ear—a phlanntaich Dia gàradh Edein. Is ann an Cashmere a’ chaochail Morair Eilghinn, a bha ’na ard-uachdaran measail, teoma, glic thar India. Bha e aon uair ’na ard-fhear-riaghlaidh ann an Canada; ’s is ann dhàsan a bhuineas moladh mor airson a’ chumhnant a rinneadh ann an 1854, eadar na Stàidean agus Canada. Is e mac a mhorair chomasaich, uasail so ’tha ’nis a’ pilltinn air ais gu tir a dhùthchais, an deigh dha ’bhi ré cuig bliadhna ’na ard-uachdaran air India. Tha e ’giulan dachaidh leis cliu ro-mhor airson nam beusan arda agus nam buaidhean reachdmhor agus nan gniomharan gasda ’nochd e ’s a rinn e ann an India. Is e fuil Bhruis, an gaisgeach lurach, lasgarra a choisinn a saorsa do Albainn anns na linntean a dh’ aom, a tha ’ruith ann an cuislean teaghlach Eilginn; agus is maith a tha iad a’ dearbhadh gu bheil fuil Bhruis fathast blath, glan, fallain agus morail. Tha beachd ùr air feadh an t-saoghail a nis mu ’n àite anns an robh gàradh Edein. Tha daoine ’tha eolach air iomadh atharrachadh a thainig air aghaidh naduir bho cheann mile bliadhna no dha; a’ creidsinn gu bheil am Bagh Persianach le ’uisgeachan lionmhor uidh air n-uidh a’ deanamh slighe da fein ann an cridhe na tire moire. Ma tha ’n sgeula so fior, tha ’m bagh ud an diugh a’ comhdachadh farsuingeachd mhoir a b’ abhaist a bhi ’n a fhearann tioram, brioghmhor. Tha iadsan aig am bheil a bheachd so mu ’n Bhagh Phersianach a cumail a mach gur anns an àite so ’bha gàradh Edein. Ma dh’ fhaoidte nach tig crioch ann an uine ghearr air gach reusonachadh ’us barail mu gharadh Edein. Is ann gun amharus air bith ann am meadhon agus ann an taobh mu dheas Asia a thoisich an cinne-daoine air aiteachadh a dheanamh agus air sgaoileadh an ear ’s an iar ’us tuath ’us deas thairis air an t-saoghail gu leir. Ged tha canainean iomadach air an labhairt le fineachan an t-saoghail, ’us ged tha na canainean gu minic eadar-dhealuichte bho ’cheile, tha canainean eile ann aig am bheil cairdeas ’us daimh follaiseach d’ a cheile ’s a tha ’cur an ceill gu robh àm ann anns an robh iad air an labhairt leis na daoine ’s na fineachan ceudna. Tha sgoilearan geur-inntinneach ’us tapaidh ann a tha le dealas ’us ealdhain sonruichte, a rannsachadh nan doighean air am bheil canainean a’ giulan dluth-dhaimh do chanainean eile. Is e Macs Mùller ainm aon de na sgoilearan sin a tha le ealdhain laidir, gheur, ag amharc a stigh ann an cruth ’s an dealbh nan canainean. Is e Gearmailteach a tha ann, agus bha e ré iomadh bliadhna ’n a fhear-teagaisg ann an Oil-thigh Ath-nan-damh, (Oxford) ann an Sasunn. Tha da fhichead bliadhna bho ’n sgriobh e leabhar foghluimte, taitneach mu ealdhain nan canainean. Dh’ fhosgail e fein agus sgoilearan dichiollach, comasach eile, doigh nuadh air eolas a thrusadh mu na daoine ’s na rioghachdan a bha cumhachdach ’nan latha fein. Tha Macs Mùller ag radh gur iad na Ceiltich, a reir gach coslais, a thàinig air tùs do ’n Roinn-Eòrpa; no, gur iad a cheud fhine a dh’ fhag creathall a chinne-daoine ’s a dh’ imrich troimh Asia gus an d’ rainig iad an Roinn-Eòrpa. Thainig ’n an deigh fineachan eile. B’ eiginn do na Ceiltich imeachd air an aghaidh gus an d’ ruig iad na h-Eileanan Breatunnach. Bha iad a’ mealtuinn saorsa mhaith, agus bha comas aca daonnan air iad fein a riaghladh. Bu leotha an Fhraing, Belgium, Breatunn, ceann mu thuath na h-Eudailt, agus cuibhrionn mhor de na dùthchannan a tha air an taobh deas na h-aimhne fada ’n Danube. Bha iad a’ tuineachadh mar an ceudna, anns an Spàinn agus mu thuath de cnoic arda nan Alp. Is e lighiche Sasunnach a bha ann an Lathan. Bha inntinn gheur, ghasda aige, ’s ghabh e tlachd iongantach ann a bhi ’leantuinn imrich nam fineachan bho dhùthaich gu dùthaich, agus bho eilean gu h-eilean. Tha e ’g radh gur ann do na Ceiltich a bhuineadh, anns na laithean a tha fad’ air chul, na h-ionadan anns an Fhraing trid am bheil na h-aimhnichean Loire, Seine, ’s an Rhone a’ siubhail le ’n torman tuchanach, ’us le ’n uisgeachan seimh ’us fuaimneach. Bha na Ceiltich daonnan garbh ’us aghartach ’us treun anns gach blar ’us aimhreit. Bha iad riamh airidh air an deadh-ainm a tha aca an diugh anns gach stri ’us ar-fhaich. Ann an laithean òga na Roimhe thug iad buaidh fo ’n cheannard Brennus air na Romanaich. Aig Allia, àite ’tha dluth air baile na Roimhe, thug na Ceiltich ann an 391 B. C. blar co buadhmhor ’s nach robh cridhe no comas aig na Romanaich air bacadh a chur orra, am feadh a bha iad a’ dol a ghabhal comhnuidh anns an Roimh. Ged rinn eachdairean na Roimhe iomadh oidheirp seolta air buaidh chudthromach nan Ceilteach a chur an neo-bhrigh, feumar aideachadh gu robh iad aig an àm so araon, gaisgeil, lionmhor agus cumhachdach. The e air innseadh dhuinn mar an ceudna, gu deachaidh iad le ’n ceannard Brennus do ’n Ghréig, ann an 270 B. C., agus gur ann le tuiteamas miorbhuileach a chaidh bacadh a dheanamh orra, ’nuair a bha iad ach beag a’ cur an laimh air ionmhasan fiachail oirdheirc Dhelpi. CONA. ’Nuair a fhuair Utah gu inbhe Stàite fo riaghladh nan Stàitean, ’sann air chumha gu’n sguireadh na Mormonaich de’n chleachdadh a bh’ aca—na fir a bhi pòsadh barrachd us aon bhean. Ach aon uair ’s gu’n d’ fhuair iad a stigh, cha do ghabh iad an còrr suim de’n chumha sin. Agus am bliadhna, tha iad an deigh fear a chur d’ an àrd-pharlamaid nach eil ag àicheadh gu bheil barrachd us aon bhean aige; thainig e gu Washington an là roimhe a fhrithealadh na pàrlamaid agus ceathrar mhnathan ’na chuideachd. Cha ’n eil fhios co dhiu tha no nach eil an còrr aige aig an tigh. A reir lagh nan Staitean, cha’n urrainnear a chumail o ’àite-suidhe a ghabhail, ach an deigh dha suidhe, faodar a chur a mach ’sa chumail a mach. Cha ’n eil teagamh nach teid sin a dheanamh. Cha bhi e idir a chum cliù nan Staitean ma dh’fhuilingeas iad a leithid a dhuine ann an àrd-chomhairle na dùthcha. Rinneadh bàthadh muladach aig Alba West, an siorrachd Inbhirnis, Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh. Bha Niall Màrtuinn, aois da bhliadhn’ deug, mac do Chaiptean Niall Martuinn, air a bhàthadh aig a Bhoom, ’se dol dhachaidh as an sgoil. Chaidh e air an deigh, a bha air a lagachadh gu mor leis an aiteamh, agus bhrist i fodha. Bha an sruth cho làidir, ’s gu robh e air a ghiùlan air falbh mu ’n d’ rainig cuideachadh. Cha d’fhuaireadh a chorp fhathast. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. [TD 221] [Vol. 7. No. 28. p. 5] NAIGHEACHDAN. Feumaidh gach aon a tha air son a bhi anns an réis leis na Ràidhean Gàilig, a cho-chruinneachadh a chur a stigh roimh ’n chòigeamh latha deug dhe’n ath mhios. Tha àireamh bheag an deigh cur a stigh cheana. Tha dochas againn gu’m bi àireamh mhath de na ràidhean air an cur gu “Caraid na Gàilig.” Tha sinn ag iarraidh gille tapaidh, 15 no 16 a bhliadhnaichean a dh’aois, a tha air son ceaird na clòdhadaireachd (Printing) ionnsachadh. Feumaidh e Gàilig a bhi aige, agus a bhi ’na ghille ciallach, beusach, ’s ’na sgoilear cuimseach math. Gheibhear gach fiosrachadh a thaobh na h-obrach, an turasdail, etc., o’n fhear-deasachaidh. Shil moran uisge anns an dùthaich so o ’n thaing an geamhradh, barrachd mor ’sa bhiodh daoine ’g iarraidh. Ann an California, agus an Australia, bha tiormachd mhor aca re na h-ùine sin. ’Nam b’ urrainn an dùthaich so iomlaid a dheanamh riutha, nach iad a bhiodh toilichte. Ach feumaidh daoine bhi riaraichte leis na chi am Freasdal iomchuidh a chur g’ an ionnsuidh. Chaidh an tigh aig fear Iain Somers, ann am Mulgrave, N. S., a losgadh oidhche Diluain air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig fear de na gillean dhachaidh anmoch, agus rinn e teine anns a chidsinn gus e-fhein a gharadh. Mu dha uair ’sa maduinn bha muinntir an taighe air an dusgadh ’san tigh ’na lasraichean; cha robh ann ach gu’n d’ fhuair iad as le ’m beatha. Thatar a faotainn tàire mhor leis an t-sneachda air rathad iaruinn Newfoundland, air a gheamhradh so. Cha d’ fhuair an luchd-turuis a dh’ fhàg St. John’s seachdain gus an Di-màirt s’a chaidh, a stigh gu Sidni Tuath gu la na Sàbaid. Bha am Bruce air a cumail a feitheamh ris a charbad fad tri no ceithir a lathaichean. Cha ’n eil iad fhathast an uidheam ceart air son an t-sneachda, ach bidh iad lan uidheamaichte air a shon mu’n tig an ath gheamhradh. Bidh muinntir nam bailtean a taghadh luchd-comhairle ’s bàillidhean Di-màirt s’a tighinn. Ann an Sidni tha Mr. Crowe air a chur a stigh mar bhàillidh gu h-aona-ghuthach, agus Nelson E. Muggah mar fhear-comhairle. Anns an darna h-earann dhe’n bhaile, tha Seumas Andrews a ruith an aghaidh Isaac Greenwell, agus anns an treas earann tha C. P. Morre a ruith an aghaidh Dhomhnuill Dhomhnullaich. Ann an Sidni Tuath, tha na seann luchd-comhairle ’sam bàillidh air an cur a stigh. Ann an Sidni Mines, tha an Dotair Johnstone air a chur a stigh mar bhàillidh; tha Mr. Brown, a bha ’san dreuchd o chionn iomadh bliadhna, an deigh a leigeil uaithe. Tha còrr us da mhile dhe na Donkhobors ann an Canada. Ràinig an soitheach-smùide, a bha ’gan giùlan a nall á Ruisia, Halifacs o chionn da sheachdain air ais. Bha 2296 dhiubh air bòrd an t-soithich a fagail thall. Air an turus, chaochail deichnear, rugadh aon leanamh, agus phòsadh coig caraidean. Bha iad naodh latha fichead air an turus. Tha àireamh miltean de na Doukhobors ri tighinn fhathast, agus tha iad ri bhi air an suidheachadh anns an Iar-Thuath. Tha iad ’nan sluagh air am bheil cliu math; cha teid iad fo armaibh air son aobhar sam bith, tha iad sitheil modhail, agus cha’n eil iad ri òl no ri tombaca. Thatar ag radh gu’n d’ fhuair iad tairgse bho riaghladh na Frainge an aiseag a nasguidh gu fearann Frangach, ach gu’n do dhiùlt iad gabhail ris an tairgse. B’ fhearr leotha tighinn fo bhratach Bhreatuinn. A FRAMBOISE. Tha moran tinn ’nar measg aig an àm so le droch chnatan. ’S ann tha cuid a cumail a mach gur h-e an grip dhubh a th’ ann. Tha ’n t-side bho ’n thainig an geamhradh cho caochlaideach ’s nach robh i uile gu leir glé fhallain. Ach, an deigh a h-uile rud is e geamhraidh anabarrach fosgailte a fhuair sinn gu ruige so; ach faodaidh sùil a bhi againn ri sneachda gu leoir mu ’n teid Februaraidh seachad. A measg na ’n nithibh eile a tha na fasain Ghallda gus a chur air chul an so, tha luadh nan clòdhan. Cha mhor gun cluinn mi guth air luadh eadar da cheann a gheamhraidh. Ach mar a thuirt am bàrd roimhe, “Cha b’e sin m’ abhaist an tus mo laithean.” Ach ged tha mo cheann air liathadh ’s mo chiabhagan air tannachadh, rachainn fhathast gu sunndach a dh’ fhaicinn pannal ghruagach nan suidhe mu ’n cuairt do ’n chleithe, agus gach aon gu sunndach a togail “Agus hó Mhórag.” Agus gu dearbh is fhada na sin a rachainn gu briogais de ’n t-seòrsa aodaich fhaighinn airson a gheamhraidh; ach cumaibh thall bhuam a bhriogais Ghallda, gur tana, fann i ’sa gheamhradh reot’. Agus direach mar a thuirt mi ri Seonaid, mo bhean, an latha fuar a bh’ againn air an t-seachdain ’sa chaidh, “Tha mi de ’n bharail mur a leig sinn dhinn na fasain Ghallda ri fuachd a gheamhraidh, reothar sinn.” Ach gu de math sin; feuchaidh daoine ri thoirt orm a chreidsinn gu bheil aodaichean ann an diugh moran ni ’s fearr na clòdh a dh’ fhigheadh Seonaid na te eile, ach cha d’ fhuair mise fhathast e co-dhiu. Agus mar a thuirt mi ri ceannaiche-siubhail Iudhaich, a thaghail orm an la roimhe, is e a feuchainn dhomh a chuid aodaichean, agus gun a dhuan na bheul ach “All bhool, all bhool!”—“Ma ta, a laochain,” arsa mise, “b’ fhearr leam briogais a thigeadh bhar druim a mhoilt ghlais ud thall na na bheil de ‘all bhool’ ann an Irusalem agaibh, mas a th’ ann as an àite ud a thainig thu.” Ma dheidhinn dhomhsa ’bhi feuchainn ri cumail suas ris na fasain cha dean mi idir e; tha mi ’creidsinn gu bheil gu leoir a feuchainn ri ruith cho luath ’s gu cum iad suas ris gus a bheil iad a dol bh’ air na ’n aobrann aig a cheann mu dheireadh. Tha sìol coirce gle ghann againn. Rinn an gaiseadh a thainig ’san arbhar air an fhoghar an gràn a mhilleadh oirnn—cha d’ thainig leth biadh ann; ach tha mi ’n duil gu bheil gach seorsa eile de bhiadh spreidhe pailt gu leoir. Tha aiteamh mhor againn air an t-seachdain so; cha mhor nach ’eil rathad sleighe air falbh. Ach ’s math am blàths fhad ’sa gheibhear e. CEANN LIATH. Ian. 27mh, 1899. Is beag is misde duine còir ged a dheanadh cù comhart ris. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 222] [Vol. 7. No. 28. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 219.) e’m prìosanach riu, ach gu n rachadh e féin air cheann a ghillean leis. Am feadh ’s a bha ’n Diùc a’ cur a’ ghillean an òrdugh, bha Rob ann an Logarait, air a theann gheàrd; ach ma bha, cha robh e dìomhanach. Dh’fhàs e féin agus an geàrd co mòr aig a chéile ri bràthrean; oir, fhad ’s a dheanadh uisge-beatha e, cha robh uireasbhuidh orra, ’s e aig Rob! Latha de na laithean, sgrìobh e litir a chum a mhnatha, agus chuir e fios gu ’ghille ’each a thoirt as an stàbull, agus dol leis an litir. Fhuair Rob cead dol a chum na stàirsneach, le saighdear ’ga choimheadachd. Thug e ’n litir d’a ghille. Thug e ceum no dhà, a chur, mar gum b’eadh, cogar ’na chluais. Bha ’n t-each meanmnach na sheasamh, ’s ’aghaidh air an rathad. Ann am priobadh na sùl bha Rob an glaic na dìollaid, agus sud a mach e na chruinn-leum, a’ cur teine as na clachan, agus steall as na lòin! Faodaidh an leughadair a bhi cinnteach nach robh Athol tuilleadh ’us toilichte. Chìte e ’suathadh a bhas, ’s a’ cagnadh a shliop, le dorran! ’s cha bu lugha donan na Pàrlamaid ’nuair chual’ iad e! Bha teaghlach Raib a chòmhnuidh ’san àm air gabhail Phort-an-eilean. Cha luaithe ràinig e dhachaidh na fhuair bàillidh Mhontrose brath, agus a thainig e air le dòrlach d’a thuath, chum a ghlacadh mu ’m biodh e na omhail. Chuartaich iad a thigh sa’ mhaduinn mu’n d’ éirich e; ach cha luaithe ’thainig Rob a mach, le ’chlaidheamh mòr fada dà-fhaobhair, ’s a sgiath air a ghàirdean cli, na thug na tuathanaich chòir an casan as; agus bha’n t-àm aca! Ghabh a’ Phàrlamaid a nis nàire asda féin, an dà chuid airson mar ghnàthaich iad Rob, agus airson gu ’n d’ fhartlaich e orra. Ghairm iad, uime sin, dhachaidh an cuid each ’s an cuid mharcaichean, ’s leig iad a shrian mu ’chluasan. Fhuair Rob fois a nis, nan gabhadh e fois; ach cha ghabhadh. Cha do dhì-chuimhnich e riamh mar ghnàthaich Diùc Authail e, agus chuir e roimhe gum biodh aicheamhail aige. ’Sann mar sin a bha. Thòisich e ri togoil a spréidhe, ’s ri ’bhuachaillean a mharbhadh, nan abradh iad gu’m b’olc. ’Nuair chunnaic an Diùc so, chuir e uaithe aon latha cuideachd de eachraidh, a thainig air mu ’n robh e ’na fhaicill, ’na thigh féin, ann am monadh Chaltuaraich ann am Balchuidir. Ghlac iad Rob aon uair eile, agus thug iad leo na phrìosanach e air muin eich. A’ tèarnadh a sìos bruthach cas, ghabh Rob an cothrom. Thug e dui-leum bhàrr an eich—ghabh e stigh do’n choill, far nach b’ urrainn na h-eich a leantuinn—dhìrich e’m bruthach—agus chaidh na daoine dhachaidh leis a’ ghad, gun an t-iasg. Na dheigh so, chuir an Diuc fichead fear ’ga ghlacadh. Choinnich Rob iad na aonar. Sheas e an làrach nam bonn. Tharruing e ’chlaidheamh. Thubhairt e riu gu robh fhios aige ciod a bha ’dhìth orra, “ach,” ars’ esan, “mar till sibh an taobh as an d’thainig sibh, bheir mi ’ur closaichean do na h-iolairean.” Shéid e’n dùdach àrd-fhuaimneach. ’Nuair chunnaic na daoine meudachd an duine, sealladh a shùl, agus cudthrom ’airm, bu bhuidhe leo tilleadh gun bhuille ’bhualadh; agus shaoil iad cuideachd gu ’n tugadh an dùdach a ghillean orra. Ged bha Rob Ruadh na chullaidh eagal fhad ’s a chaidh ’ainm, bha gaol agus àrd mheas aig a chàirdean agus a chinneadh féin air. Bha e caoimhneil truacanta ri fear an anacothrom, gu sònraichte ris a’ bhantraich agus ris an dìlleachdan. Mar dhearbhadh nach robh e gun mheas ’na dhùthaich féin, innsidh sinn an naigheachd aithghearr a leanas:— Bha suim mhòr airgid aig fear anns a’ Ghalldachd air Rob, agus cha robh fios aige ciamar a gheibheadh e pàigheadh. Mu dheireadh thairg maor-righ, a mhuinntir Dùnéidin, nam faigheadh e seisear dhaoine d’a thaghadh féin, nach robh Rob Ruadh, no fear eile de ’ainm ann Gàeltachd na h-Alba, nach tugadh e dhoibh air làimh. (An sgimileir gun toinisg! cha robh fios aige ciod a bha e ’g ràdh; ach chì sinn mar theid dha) Bha’m maor-rìgh na bhuathal calma misneachail, ’s chaidh duais mhòr a thairgse dha nan tugadh e Rob gu caisteal Shrìla. Ragh e ’ghillean; ghlac iad an claidh’ean ’s an cuaillean, ’s bu cham ’us dìreach gach rathad gus an d’ ràinig iad an aon tigh-òsd a bha ann am Balchuidir. Chuir fear-an-tighe amharus nach robh rud còir air bith am beachd nan coigreach starbhanta làidir. Fhuair e ’mach fàth an turuis, agus leig e fios gu Rob mar bha. Dh’ fharaid am maor-rìgh nis de fhear-an-tighe c’ait an robh tigh Rob Ruadh Mhic Griogair. Rinn fear-an-taighe seòladh-corraig air; ’s thubhairt e ris, ma bha e dol a chur bruaillean air Rob, gun dol ni b’ fhaide, airneo gum biodh teas a chorraig ’na chuimhne. Chur am maor so an suarachas. Dh’fhàg e ’chuid ghillean air chùl cnoic, agus chaidh e leis féin a stigh do thigh Raib, feuch ciod a chìtheadh no ’chluinneadh e. Ràinig e, ’s fhuair e Rob aig baile. Thubhairt e nach robh ann ach fear falbha a chaill a rathad, ’s a thainig a stigh a leigeadh ’analach. Sheòl Rob ga sìobhalt’ a stigh e do sheòmar nan arm, far am fac e, gach taobh a thionndadh e, Cha b’e cùirtean mìn de’n t-sìod’, Cha b’e dealbhan faoin gun prìs; Ach nithe b’àirde feart ’us rath, A ghlacadh ann an iomad cath. Pìob-mhòr nan toll, is àille fuaim, An claidheamh, ’s e air leth bho’n truaill; An sgiath, ’s a’ ghòrsaid, ’us an t-sleagh, An còrn a chunnaic mile fleagh. Tuagh, ’us targaid, ’s taipheid gheur, Bian ballach ’us ceann an fhéidh; Fiaclan uamhasach an tuirc, Cròic-cheann cabarach a’ bhuic:— Bha sud an crochadh, cuairt mu ’n cuairt, An seòmar so Roib mhòir nam buadh! Nuair chunnaic am maor-rìgh so, shaoil e gu’n robh e anns an àite nach abair sinn; ach ’nuair ghlas Rob an dorus air, ’s a chunnaic e os a cheann duine an crochadh air amhaich, thug e sgriach as a thug Rob air ais. Dh’ fheòraich e ciod bha ’cur air. Ars’ esan, “An e duine marbh tha ’n crochadh an sud?” “Tut, a mhiapaire,” arsa Rob, “cha’n eil ann ach biast de mhaor-righ a thainig do’n tigh an là roimhe, a chroch mi; ach cha d’ fhuair mi ùine fathast a thiodhlacadh.” Tuigeadh an leughadair nach robh anns an fhear a bha ’n crochadh ach duine-bréige fad na h-ùine. Coma cò dhiùbh, ’nuair chual’ am maor so, ghabh e chuige féin e. Ged bu spag luinneach a’ fàgail Dhunéidin e, thainig sgleò air a shùilean—agus, mu ’n robh ùine aige ’anam earbsa ri Dia, thuit e ann an neul, na chorp marbh air an ùrlar! ’Nuair chunnaic Rob so, dh’ òrduich e thogail a mach, agus a thilgeadh do’n abhuinn, “agus faigheadh e mach mar is feàrr a dh’fhaodas e.” Thainig ceathrar laoch a thiota. Rug gach fear air ceathramh dheth, agus thug iad urchair dha beò slàn do’n abhuinn. Cha bhuileach a chaidh an t-uisge thairis air na thainig boine-beò ann, agus a rinn e greim-bàis air stoban a bha ri bruaich na h-aibhne. ’Nuair chunnaic a chompanaich mar bha, thug iad an aghaidh air a’ mhonadh; ach shìn fir, agus mnathan, agus clann-bheag a’ ghlinne orra; agus an deigh breith orra, bhog iad gach mac-màthar dhiubh anns a’ cheart abhuinn! ’Nuair dhraghadh gu tìr iad, mar ucsaidheah leth-mharbh gun chli, fhuair gach fear breab ann an àite tiugh sultmhor àraid, far nach deanadh i mòran ciorram, agus leigeadh cead an cas dhoibh. Ruith iad mar bha iad—fliuch, fuar, acrach—gus an d’ ràinig iad Strìla. Dh’innis iad an so mar thachair, agus mòran mòran nach do thachair. Chreid ceannard an airm iad, agus a chlisgeadh dh’òrduich e cuideachd de shaighdearan air falbh, a chum Rob a ghlacadh. Air an rathad chunnaic buidheann de na Griogaraich iad. Chuir iad amharus mar bha chùis, agus chuir iad gille-ruith a thiota air falbh rathad eile, a thoirt fairbheanadh do Rob. Mu ’n d’ ràinig na saighdearan, bha Rob am mullach nam beann! An deigh seachduin a chaitheamh a’ rùrach, ’s a’ rannsachadh ’s a’ dìreadh chnoc, ’s a’ tèarnadh ghlac, thug iad mu dheireadh thairis. Ghabh iad cairsteal na h-oidhche ann am bothan fàis, air leapaichean de fhraoch ùr uaine. Thainig na Griogaraich, ’s chuir iad sop teine ris, air eagal gum faigheadh iad fuachd. Chaidh aon duine ’losgadh, le urachair thuiteamais; agus airson chàich dheth, thug iad an aghaidh air Strìla. (Ri leantuinn.) Faodaidh duine a bhith fìrinneach, onarach ged nach biodh e na Chriosduidh, ach cha’n urrainn da a bhith ’n a Chriosduidh mur bi e fìrinneach, onoradh. EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 223] [Vol. 7. No. 28. p. 7] Cha ’n ann trìd an deadh dheanadais fhein, no trìd an cumhachd fhein a tha daoine air an tearnadh idir, ach tre shaor ghràs Dhe. Iadsan a tha air an gairm, tha iad air an gairm a réir run Dhe, agus cha ’n ann a chionn gu’n robh iad math, no airidh, no a’ caitheamh am beatha an cuideachd dhaoine diadhaidh. BAS. Ann am Benacadie, air an 30mh latha de’n mhios a dh’fhalbh Seumas R. MacNeill, 55 bliadhna dh’aois. Bu mhac e do Ruairidh Mac Neill, nach maireann. Dh’ fhag e bean, aon nighean, us triuir mhac. Bha e mheasail aig na h-eolaich uile. R. I. P. Grace Darling Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh de September, Shabhail Grace Darling agus a h-athair, le’n tréine, naodhnar dhaoine o bhi air am bàthadh. Tha ’n obair sin, sàbhaladh-beatha a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slàn an dòigh a’s fhearr air son a bhf fior shona. Tha stamagan neo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e àite ’n faighear iad. Gheibh cuideachadh, faochadh, agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shàr-mholadh. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. Am Feillire. FEBRUARAIDH, 1899. 1 Di-ciaduin An fhéill Brìghde. 2 Dior-daoin Là Inbhirlòchaidh, 1645. 3 Di-haoine (4) Bàs an Iompaire Sebherus 211 4 Di-satharna An fhéill Mhaodain. 5 DI-DONAICH II Donaich roimh’n Charghus 6 Di-luain Bàs Righ Tearlach II., 1685. 7 Di-mairt 8 Di-ciaduin Bàs Ban-righ Màiri, 1587. 9 Dior-daoin Là Ghlinn Faeoine, 1603. 10 Di-haoine 11 Di-satharna [12] Bàs Dheorsa Heriot, 1624 12 DI-DONAICH Di-donaich Inid. 13 Di-luain Mort Ghlinn-comhainn, 1692 14 Di-mairt Di-mairt Inid. 15 Di-ciaduin Di-ciaduin na luath. 16 Dior-daoin 17 Di-haoine Bas Sheumais Mac Mhuirich 1796 18 Di-satharna Bàs Lùtair. 19 DI-DONAICH I Donaich dhe ’n Charghus. 20 Di-luain Crùnadh Seumas II., 1437. 21 Di-mairt Bàs Dàibhidh II., 1371. 22 Di-ciaduin 23 Dior-daoin An fhéill Bhoiseil. 24 Di-haoine Bas Mhic Leòid, am bàrd Sgiathanach, 1872. 25 Di-satharna 26 DI-DONAICH II Donaich dhe ’n Charghas. 27 Di-luain (28) Bas Eachainn Mhic Gill-eain, 1893. 28 Di-mairt MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 1, M. 10 F An Solus Ur, L. 10, U. 5, M. 18 M A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 4, M. 38 M An Solus Lan, L. 25, U. 10, M. 2 M AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. AR STOC GEAMHRAIDH. SLEIGHEACHAN. Air an deanamh leis a Chanada Carriage Co. An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh. ACUINN. Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr BEIN. An “Saskatchewan Buffalo.” CLUIG agus CUIPICHEAN. Dhe gach seorsa. BRATAN-EACH. Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean. Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 224] [Vol. 7. No. 28. p. 8] Uidhist nam Beann-arda. LE ÆNEAS. SEISD. O, gur toigh leam, é gur toigh leam, ’S toigh leam Uidhist nan Beann-àrda, Tir nan laoch bha làidir curant’ ’Choisinn urram do Chlann-Raonuill. Fhir a théid a null a dh’ Uidhist ’N ad fhear-turuis air a’ bhàta, Gheibh thu eachdraidh ann ad uidhe ’S gheibh thu spionnadh ann ad shlàinte. Gheibh thu daoin ann bàigheil fialaidh ’S chi thu ’sgiamh a tha fo’ bhlàth air, Eadar “Pollacharr” is “Iochdar” Cha laidh grian air àit a’s àille. Do “Lochbaosdal” anns an “Staffa” Baile snasail—cala sàbhailt’, ’S co chaidh riamh ann nach robh sona ’S a sior-mholadh a luchd-aitich. Chi thu ’n Eriscaidh nan lusan Chaidh a chur ann le Prionns’ Tèarlach, ’S tobhta Floraidh n “Aridhmhuilinn” Far an d’ rugadh i na pàisde. Caisteal Ormiclait (gun mhullach) ’S tric a chluinnte guth a bhàrd ann, Togail dàn air euchd nan curaidh Choisinn urram do Chlann Raonuill. Cailinn Uidhist tha iad boidheach Mar a ghrian air òr a dearrsadh, ’S ged nach tuigeadh tu “illeòra” Bheir iad dòigheil dhut a Ghàidhlig. Baile maiseach tha ’n Lochsciport ’N uair bha mise greis a tàmh ann, Thog mi fein ’s mo “phàisdean lurach” “Carnan Iubilidh” do’n bhàn-roinn. Ach ma theid thu tuath do ’n “Iochdar” Fada sios gu beul na tràghad, ’N uair a bhios tu dol a null orr’ Fach nach dean an tuinn do bhàthadh. Moladh na Gaidhlig. LE ÆNAS. A chanain aosmhor Thir nam Beann A chanain shunntach, àdhmhor sin, A chànan milis, blasda, binn, Their suinn gun d’ labhair Adhamh i. Tha nis a’ fulang fòirneart chruaidh Bho uabharachd is tràillealachd, Muinntir ’mheasas mar mhi-chliù Na ’n cluinnte gu ’n robh Gàidhlig ac. Tha Eachdraidh ’s cunntasan luchd sgeoil Toirt eòlas mar a thàinig i, Ar sinnsearan b’i cainnt am beò Aig Beanntaibh sgòrrach Cacausus. Thriall iad ri “Muir Meadhontir.” ’S do “Spain” nan craobh ’s ann thainig iad Milesianaich thapaidh threun, Roinn Eirin na h-ochd cearnaidhean. Bha i ’m Breatunn fad’ o chian ’Nuair bha Criosd gun àrachadh, ’N t’àm thàinig Cæsar Mòr a nall B’i chainnt bh’ aig a luchdàitich ann. An’ Albainn bhruìdhnecdh i o thùs ’S i ’n cuirtibh Innisfail aca, Naomh Pàdruig labhair innt’ gu dian ’Toirt fianuis mun an Ardrigh dhaibh. Dh’innis Oisean—Bàrd nam Fiann Mu ghniomharaibh nan àrmunn innt’ Dhealbh e h-uile dàn is ceòl S’a chanain ghloirmhor airsidh ud. Am faidh “Calum” a bha ’n I, An soisgeul sgaoil ’s gach àit’ innte, Bha Gàidhlig aig a Bhrusach threun ’S cinnfeadhna ’sheas ar làraichean. Sin Cailean Caimbeul—ceann na seoid An curaidh mor neo-sgathach sin, A shaighdearan dh’uisg e mar leoghan’ ’Nuair thug e òrdugh ’n Ghàidhlig dhaibh, Suas Beinn Alma ghluais na trein ’S gun d’ lot ’us reubadh namhaid leo, Gniomh choisinn do gach Gaidheal cliu ’S do dhuthaich ghrinn nan Ardbheanna. MacLachainn a tha cnamh fo ’n fhoid Bha deoin-bhaigh gu na Gàidhlig ann, ’S “Mac Ille Dhuibh” nach maireann beò B’e ’sholas de gach canain i. Gach coir th’aig’ Breatuinn fo na neimh ’Us tirean cein tha ’n cànains’ ann, An Canada tha aice freumh ’S tha Gàidheil an Australia. An India nam Beannta Mor Tha seoid againn ga n’ ardachadh, An’ New Zealand tha aic’ sloigh, ’S cainnt bheoil ann an Otago i. Gu leughar ann mu euchd na Feinn ’S mu threubhantas an alaich ac,’ An’ Africa tha milltean beul Le feill a tha neobhasmhor ort. C’airson a sheallemaid le spòrs An canain gloirmhor mathaireil, C’arson a chuirmaid air chùl An duthaich anns na dh’ àr’cheadh sinn. C’airson a dhalladh Goill mi-ruin An suilean? mar gum tàmailt dhuinn Bhi beothachadh a chanain aosd,’ A bha cho caomh le ’r parantaibh. Ach chi sinn bho chionn beagan ùin’ Gun dh’ ùricheadh an càil thugad, ’S ann chleach iad bhi ga d’ chur air chùil Aig cuirtibh agus bàllaichibh Ach slainte, piseach, agus buaidh, Do’n bàrdaibh uasal Gàidhealach, A chuidicheas le d’ chumail beò ’S nach leig an tòir le namhaid ort. Bha Miss Eva Booth, ceannard na Salvation Army ann an Canada, ann an Sidni Tuath la na Sàbaid ’s Di-luain s’a chaidh, air a turus gu Newfoundland. Bha dha no tri choinneamhan aice, agus chruinnich dòrlach mor sluaigh g’a h-éisdeachd. DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 225] [Vol. 7. No. 29. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 10, 1899. No. 29. “LEINTEAN FARSUINN DO NA LEANABAIBH OGA.” LEIS AN OLLAMH MAC FHIONGHAIN. (Air a leantuinn.) Ach, faodaidh tu fharraid,—c’arson a bhiodh léine idir a dhìth, farsuinn no cumhann? C’arson nach fhaodadh an duine fàs, c’arson nach fhaodadh an sluagh a bhi beò, gun chuibhreach léine no eile? ’S dòcha nach robh duine riamh ann, nach do mhiannaich, uair no uaireiginn, a bhi, an làn da rìreadh, as a léinidh. Agus faodaidh e bhith gu bheil na daoine d’ am bheil sinne na ’s don-fhaighidniche fo chuing na tha ar coimhearsnaich na Gaill. Tha e coltach gu leòir gu ’m biomaid-ne a chleachd saorsa na dùthcha ’n ar n-òige a’ guidhe, a nis ’s a rìs, gu ’n robh srathair na sràide air druim eile. Fhuair thu t’ àrach am measg nam beann. Bha thu cho sona, ma dh’ fhaoidte, ’s gu ’n robh comas agad siubhal aig àm ’s am bith ’s air dòigh ’s am bith a b’ àill leat o shliabh gu tràigh, o bheinn gu baile. Bu mhor an t-sochair e, ’n uair a bha do cholunn ag òl slàinte ’s fallaineachd De ’n uisge ghlan ’s de ’n fhàile Th’ air mullach nam beann àrda, gu ’n robh t’ inntinn a’ deoghal beatha ’s neirt á broilleach do dhùthcha,—greadhnachas is maise a’ lìonadh do shùl, guth nan linntean a dh’ aom a’ seirm ’n ad chluais, gniomharan t’ aithrichean fuaighte ris gach cloich is càrn. Faodaidh e bhith gun robh dachaidh t’ òige “fo sgéith a’ chuain.” Chuir thu seachad iomadh latha grianach samhraidh an achlais an rudha no ’n luib a’ chaoil, gun chòta gun léine, cho mear ri cuilein an ròin. Dh’ ionnsuich thu cruadal, foighidinn, is féin-earbsa, ann an deagh sgoil,—a’ toirt a mach rudha fuaraidh “’S an caolas ’n a chaoraibh geala.” Nach cluinn thu fhathast gaoir a’ chladaich os cionn gleadhraich na sràide? tha “siabadh nan tonn dubh-ghorm” a’ fliuchadh na duilleig a tha thu leughadh mu mheadhon oidhche ad sheomar cumhann. Air tìr bidh cachliath romhad an sid, geata an so, ’s gàradh an iomadh àite ’m b’ fhearr leat as e. Ach cha ’n ’eil “forghais mu na criochan” ’s a’ chuan. Ma chuir thu seachad a’ bheag de t’ òige ri marachd, bidh caitean air do ghualainn latha no dhà mu ’n dean i i féin ris an t-sùgan a chuir luchd-riaghlaidh a’ bhaile-mhoir mu d’ mhuineal. Ach cha tigear as eugmhais na léine. Gun ghuth air eireachdas, tha i dhìth air son blàiths, anns na rìoghachdan so co-dhiù; ’s cha lugha a feum air son aobharan eile. ’S i léine an t-seanfhacail riaghailt-stiùraidh do bheatha,—an lagh. Agus ma tha e fìor, far nach ’eil lagh nach ’eil eòlas air cionta, tha e ceart cho fìor, far nach ’eil lagh nach ’eil mealtainn air saorsa. ’S e ’n duine a’s rìgh air an talamh; ach, dalta iomadh rìgh, tha moran d’a ìochdarain an ceannairc ’na aghaidh. Cha chìosnaich e an talamh: cha tionndaidh e beairteas an t-saoghail g’ a fheum fein, gun na laghannan a tha riaghladh ann a lorgachadh a mach le foighidinn; agus an aonadh gu frithealadh d’a thoil,—le géill a thoirt daibh, no grabadh a chur orra, mar a theagaisgeas fhein-fhiosrachadh ’s a ghliocas dha. Ma bheir e buaidh “’s ann air a ghlùinean.” Chi thu ana-caitheamh mu ’n cuairt duit a muigh ’s aig baile,—Nàdur, mar gu ’m b’ eadh, ann an uaill a saoibhreis, a’ sgapadh glòir is maise air gach làimh, gun fheum, cho fad’ ’s is léir dhuit-sa. ’S aithne do ’n ghàradair dòighean lus is chraobh; agus cosmhuil ri ban-tighe sheòlta, ghléidhteach, de struidheas na macharach ni e toradh a’ ghàraidh. Chi thu e rùsgadh freumh an so, a’ gearradh meanglain an sid. Tha ’n inneir ’s an dara làimh, ’s an sgian ’s an làimh eile. Tha e cladhach mu thimchioll na craoibhe an uair a tha e cur aolaich r’a bun. Cha ’n ’eil nàdur an duine cho furasda thuigsinn ri nàdur nan craobh: tha a’ bhith na ’s àirde, tha fheuman na ’s lìonmhoire. Ach anns an duine, mar anns a’ chraoibh, tha riantan a dh’ fheumar a bheothachadh, iarrtuis a dh’ fheumar a chasg. ’S ann a réir t’ eòlais air a nàdur, ’s a réir na tuigse leis an cuir thu t’ eolas gu buil a shoirbhicheas leat an togail teaghlaich, an teagasg dhaoine, no an riaghladh sluaigh. Cluinnear mòran ’n ar latha-ne mu ’n mhodh teagaisg a’s freagarraiche airson cloinne. Tha fhios againn air riaghailt Sholaimh, “An tì a chaomhnas an t-slat, ’s beag air a mhac.” Ro fhìor. Ach nach ’eil e ceart cho fìor, gur lugha airsan a mhac aig a’ bheil an t-slat daonnan ’n a dhòrn. Am meadhon Africa tha ’n duine-dubh a’ tighinn beo mar am fiadh-bheathach: “A’ bhéist a’s modha ’g itheadh na béist a’s lugha, ’s a’ bhéist a’s lugha deanamh mar a dh’ fhaodas i.” Theid a ghlacadh ’s a reic ’n a thràill. Tha e rithist mar an t’ ainmhidh, air corrag a’ mhaighstir, mar each an ceann taoid. Edar an-riaghailt na coille agus ain-tighearnas a’ mhaighstir tha saorsa. ’S e Saorsa, mata, teagasg an t-sean-fhacail,—saorsa fo lagh. Anns gach cearn de ’n chruthachadh air an crom thu do shùil, gheibh thu air an dara laimh mi riaghailt, air an laimh eile foirneart. ’S ann eadar an dà staid so a tha saorsa, sìth. ’S ann air druim an eich a tha mharcachd. Mur leig an leisg leat dol air a mhuin, thig ort coiseachd; ma theid thu thairis tha thu ’s a pholl. Tha a’ cholunn fallan le obair,—tha dìomhanas cho cunnartach ri sàrachadh. Dh’ iarr Solamh, “Na toir dhomh bochdainn no beairteas,”—bha gort air an dara taobh, bha gàis air an taobh eile, ’s bha buaireadh ’g an leantainn le chéile. ’S e Eolas, Gliocas, is Tuigse mhàin a shònruicheas c’àit an còir do ’n chrìch a bhi air a tarruing eadar an dà staid so. Cha ’n ’eil an seanfhacal a’ toirt seachad ach aon seòladh; ’s cha ghabhadh seòladh eile cho maith toirt seachad: Feumaidh an léine bhi ann,—biodh i farsuinn. Tha e ’n a urram do ’n Ghaidheal gu ’n do chuir e riaghailt cho glic agus smuain cho geur ann an cainnt. Cha ’n ’eil an seanfhacal aig na Goill. Cha ’n fhiosrach mi gu ’n robh e siùbhlach am measg nan sluagh o shean. Gheibhear facal leth-chosmhuil ris ann an Iceland: “Fàsaidh an leanabh, ach cha ’n fhàs a’ bhrigis,” ’s nam b’ urrainn duinn a chreidsinn gu ’n robh ar n-aithrichean a’ cosd bhrigisean seachd ceud bliadhna roimhe so, bhidhinn ullamh gu ràdh gu ’n tug na Lochlannaich am facal so, mar a thug iad gun teagamh iomadh rud eile, á Eileanan na h-àirde n-iar gu Eilean-na-deighe. Ach biodh so mar a dh’ fhaodas e. Chuir Gaidheal air choreigin an smuain an cainnt. An do chuir na Gaidheil an riaghailt an gnìomh? An do dhearbh iad an dìlseachd a bu chòir d’ an teagasg urramach féin? An robh, no am bheil, na daoine d’am bheil sinne comharraichte am measg nan sluagh, ’n an geall air an t-saorsa a tha ’n seanfhacal a’ moladh? An do nochd iad ’n an teaghlaichean, ’n an sgoiltean, ’n an laghannan, ’n am modh-riaghlaidh, ’n an aidmheil umhlachd dhligheach do Lagh Naomh na Saorsa? Anns an strì chruaidh, ghoirt, an aghaidh aineolais, ainneirt, is uile de gach seorsa, am bheil aite-toisich aig sliochd a’ Ghaidheil ’s an rioghachd so, no an rioghachdan eile, anns na cùisean cudthromach so? Cha d’ fhuair an seanfhacal Gaidhlig a chòir fhéin fathast air an talamh—tuitidh iomadh braon mòr fala gu làr mu ’m faigh. Agus ged nach ann, ma dh’ fhaoidte, ’n a dhachaidh fhéin a’s mò a rinneadh de dh’ fhuran ris, cha bhiodh e fìor a ràdh gu ’n do leig na Gaidheil teagasg an t-seanfhacail gu buileach air dìchuimhne. Anns gach cearn de ’n domhan b’e Tìr nam Beann riamh tearmunn nan laoch nach luidheadh fo dhaorsa na Macharach. Mar a thubhairt Uilleam Tell ris na clachairean a bha togail Caisteil an Ainneirt ann an Altorf: “Am balla thogas làmhan dhaoine, tilgidh làmhan dhaoine gu làr; Ach feuch! (’s a shùil air beanntan a dhùthcha) feuch! Dachaidh na Saorsa, a dh’ ullaich Dia d’a shluagh ’n am feum.” Dhòirt ar n-aithrichean fhéin uair is uair am fuil gu fial a’ dìon an dùthcha—sheas iad dìleas air taobh na fìrinn ’s na còrach uair no dhà. Cha ’n fhaic an saoghal ach ainneamh stri a bu déine ’s a bu dannarra na a sheas ar càirdean na Breatunnaich, ann an Wales, an aghaidh cumhachd Shasuinn. Co-dhiù dh’ aidicheas sinn gu bheil iarrtuis nan Eirionnach ’n ar latha féin a chum fìor-leas na rìoghachd sin no nach aidich; co-dhiù dh’ aontaicheas sinn leis na dòighean a tha ’n sluagh a’ gabhail gu ’n rùn a thoirt gu buil no nach aontaich, bheir sinn urram do ’n spiorad a dhiùlt fad sheachd ceud bliadhna strìochdadh do chuing a’ choigrich,—cuing a bha, gun teagamh, iomadh latha, cruaidh ri ghiùlan. Ach cha ’n e so a’ mheur de ’n t-saorsa a tha ’n seanfhacal gu sònruichte a’ moladh. An aghaidh naimhdean a dhùthcha, ann an “aimsir an dearbhaidh,” nochd an Gaidheal a ghaisge air iomadh làraich chruaidh. Bha e treubhach a muigh, ach an robh e meaghrach a stigh? ’N a theaghlach, ’n a dhachaidh, am measg a shluaigh fein,—an robh beachd cothromach aige air saorsa? An do sheas e daonnan dìleas air taobh a’ cheartais,—an do chum e an còir fhéin r’a theaghlach ’s r’a choimhearsnach? (Ri leantuinn.) Am fear nach seas air an deigh cha teid e troimpe. [TD 226] [Vol. 7. No. 29. p. 2] MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XIII. AN IMRIG DEANTE. An deigh dhomh m’ inntinn a shuidheachadh gu ’n deanainn an imrig, bha mi gun fhios agam cia mar a thòisichinn ri innseadh do’n mhnaoi chòir a bha cho caoimhneil rium fad corr is dà bhliadhna, gu n robh mi ’dol a dh’fhalbh a dh’àite eile. Cha robh aobhar air an t-saoghal agam a bhith talach air ni sam bith a bha i ’deanamh. Agus cha mhò a bha aobhar agam a bhith ’gearain air an duine òg a bha ’na chompanach leapadh agam. Bha e cho modhail ’s cho iomchuidh anns gach dòigh ri mac màthar a thachair riamh rium. Cha robh de chron agam air ach gu’n robh e sàmhach; agus gu cinnteach bu mhath an comharradh air a bhith samhach, an uair nach biodh fhios aige ciod bu choir dha ’radh. Coma co dhiubh, bha mi suidhichte gu ’m falbhainn, agus dh’fheumainn fios a thoirt seachad gu’n dàil. An uair a thainig i steach le m’ bhiadh dh’ innis mi dhi mar a bha romham a dheanamh. Cha dubhairt i gu’m b’ olc rium, ach ghabh i am mach as an t-seòmar direach mar a b’ àbhaist dhi. Chuir so ioghnadh orm; oir bha mi ’g am dheanamh fhein cinnteach, gu ’n labhradh i gu cas, frionasach rium, gu h-àraidh o nach robh aobhar sònraichte sam bith agam air son an imrig a dheanamh. Fhad ’s a bha mi ’gabhail mo bhìdh bha mi ’sior smaointean oirre. An uair a thainig i a thoirt leatha nan soithichean bhar a’ bhuird sheas i, agus thuirt i, “Tha thu ’dol a dhealachadh ruinn, Eachainn. Tha ioghnadh orm gu’m falbhadh tu gun aobhar sònraichte a àite sam bith anns am bheil thu dlùth air dà bhliadhna gu leith. Tha mise cinnteach gu’n robh, agus gu’m bheil, mi ’toirt ceartas dhut anns gach dòigh. Ged nach ’eil an seomar mor, no cho soilleir ri iomadh seomar air feadh a’ bhaile, tha mise ’ga chumail glan. An aon rud a tha dhìth air, mar tha làr-bhrat ùr, tha mise ’cur romham gu ’n cuir mi ann e gu ’n mhòran dàlach. Bu mhath leam fios fhaotainn car son a tha thu falbh.” Dh’innis mi dhi gu saor, nach robh ni sam bith agam ’na h-aghaidh, agus ged a bha mi ’falbh, nach robh m’ inntinn buileach ag aontachadh leam. Dh’innis mi dhi mar an ceudna, gu’n robh an taigh do ’n robh mi dol na b’ fhallaine na b’fhearr solus, agus na bu mhò na’n taigh a bh’ aicese. “B’fhearr leamsa thu dh’ fhuireach na thu dh’fhalbh; ach o’n is e falbh a’s fhearr leat fhein, cha ’n abair mise gur a h-olc riut. Bha thu gle mhodhail, iomchuidh o ’n a thainig tu an so, cho fad ’s is fhiosrach mise; agus tha mì ’n dòchas gu’n gluais thu thu-fhein, gu modhail, iomchuidh far am bheil thu ’dol; agus gu’n toir thu an aire mhath nach toir na daoine òga a tha o chionn ghoirid a’ cumail comuinn riut air falbh bhar na slighe cheirt thu. Tha e sgrìobhte gu ’n truaill droch comhluadar deadh bheusan. Thoir thusa an aire mhath dhut fhein. Cha ’n eil thu fhathast ach òg; agus creid mise, cha’n ’eil thu laith cho glic agus cho faicleach ’s a tha thu fhein an dùil.” Thug mi taing dhi air son na nochd i dhomh de chaoimhneas, agus air son nan comhairlean a bha i gu tric a’ toirt orm. Ged a bha mi taingeil dhi aig an àm, tha mi mìle uair na’s taingeile dhi an diugh; oir rinn i feum dhomh ann an àm na h-éiginn nach deanadh té eile a bha eadar dà cheann baile Ghlasacho. Am feasgar a chaidh mi air imrig, cha robh sunnd sam bith orm. Bha mi ag radh rium fhein, gur e ceum gu ’m aimhleas a bha mi ’gabhail. Is iomadh latha o’n uair ud a ghabh mi beachd gu’n robh, mar gu ’m biodh, guth agam ’ga chluinntinn le cluas na h-inntinn a bha ’g innseadh dhomh nach robh cùisean gu soirbheachadh leam. Ach ged a bhuail an t-aithreachas mi air son cùl a chur ri mo sheann dachaidh, cha deanadh aithreachas feum. Rainig mi an taigh ann am beul an anamoich. Bha an seòmar a bha romham fuar, gun choltas gu’n robh teine ann fad iomadh latha. Thachair dhomh aig an àm ud a bhith ann an toiseach a’ chnatain; agus anns an t-suidheachadh so, cha b ’e suidhe ann an seòmar fuar a fhreagradh orm. Las an nighean òg an solus dhomh cho luath ’s a ràinig mi, agus thòisich i ri gabhail a leithsgeil a chionn nach robh teine aice air mo choinneamh. Thuig mi anns a’ mhionaid nach b’ann aice a bha ’choire, ach aig a mathair. Chuir mi romham nach abrainn facal gearain gus am b’fheudar dhomh. Shuidh mi anns an t-seòmar, agus bha mi ag amharc ann an cuid dhe na leabhraichean a bha cho pailt ann, agus cha robh mi fada gus an do thuig mi, nach robh an àireamh bu mhò dhe na leabhraichean a chum feum sam bith dhomh. Bha iad ro fhoghluimte air son mo leithid. Aig an àm ud, bha leabhar sam bith luachmhor ’na m’ shealladh. Ach o’n uair ud thuig mi nach robh feum anns na bha de leabhraichean ’san t-seòmar a b’ fhearr na gu’n robh iad a’ cur seallaidh air an t-seomar, agus a’ toirt ainm a bhith foghluimte do mhuinntir an taighe. An uair a thàinig àm na suipearach thuirt an nighean òg rium, gu’m b’ fhearr dhomh a dhol g’a gabhail do’n chitsin, o’n a bha e gu math na bu bhlaithe. Cha robh an teine a bh’ anns a’ chitsin ach beag gu leor; agus ged a bhiodh e na bu mhò na bha e, cha mhor a ruigeadh ormsa dhe ’bhlàths. Bha leith sheann duine ’na shuidhe air beulaobh an teine, agus a dha chois sgapte mar gu’m biodh e toileach na bha de bhlàths anns an teine a chumail aige fhein. Bha leabhar mòr ’na laimh, agus an uair a bha mise a’ dol a shuidhe aig a’ bhord gus mo shuipear a ghabhail, thog e shùil bhar an leabhair, agus sheall e orm mar gu ’m biodh ioghnadh aige dhiom. Cha dubhairt e aon fhacal rium, ged a bha fhios aige gu’n robh mi air tighinn a dh’ fhuireach do’n taigh. Cha mhò a thuirt mise facal ris. Is gann a leig mi orm gu’m faca mi e. Bha coltas iargalta air. Arsa mise rium fhein ’s mi gabhail mo shuipearach, “Is ann ort a tha coltas a’ bhruic; le do cheann mòr gun chìreadh; le d’ fheusaig ghreannaich; le do dhà shùil beaga, rògach; le do spògan mòra, spleadhach ’g an garadh ri teine.” Cha robh fhios agam aig an àm co e; o nach dubhairt an nighean òg aon fhacal rium m’a dheidhinn. Ged a chuala mi gu ’n robh maighstir sgoile a bha anabarrach foghluimte a’ fuireach anns an taigh, cha do smaoinich mi gu’m biodh a’ leithid ’na ghurrach suarach ri taobh an teine mar a bhiodh an ceard an uair a bhiodh e ’deanamh nan spàinean. Mu ’n gann a chuir mi crìoch air mo shuipear thainig bean an taighe dhachaidh. Bha i an deigh a bhith ’g éisdeachd òraid a thug duine foghluimte seachad anns a’ bhaile; agus cha bu luaithe shuidh i na thoisich i ri innseadh do’n fhear a bh’ aig an teine cho deas-bhriathrach ’s a bha am fear a liubhair an òraid. Cha bu luaithe a thòisich i ri innseadh so na thog e a shùil bhar an leabhair, agus dh’ éisd e rithe mar gu’m b’ i an aon bhoirionnach a b’ fhearr fiosrachadh, agus bu mhò foghlum a bha ri fhaotainn anns a’ bhaile. Bha mise ’g éisdeachd gu foighidneach, cha b’ ann a chionn gu’n robh mi ’faotainn fiosrachaidh no eòlais o na bha i ag radh, ach a chionn gu’n robh mi ’gabhail ioghnaidh dhe na bha aice ri radh. Thug i an aire gu’n robh mi gu stòlda ag éisdeachd rithe, agus thionndaidh i rium, agus thuirt i, “Tha e ’toirt toil-inntinn gle mhòr dhomh do leithid de dhuine òg, tuigseach fhaicinn ’nam thaigh. Tha mi nis air fàs gu math fiosrach mu thimchioll iomadh ni; agus an uair a chi mi duine òg mar a tha thusa ’na shuidhe gu stòlda ag eisdeachd le mòr air ri briathran a ghliocais agus na tuigse, mar a tha na briathran a chuala mise air an fheasgar so, agus a tha mi ag aithris ’n ’ur éisdeachd, tha mi ’g aithneachadh gu’m bheil tùr is tuigse annad nach ’eil ann an iomadh fear. Eisdidh an duine glic ri briathran a’ ghliocais an uair a chluinneas e iad. Agus a bharrachd air sin, bidh meas mor aige air gach aon a tha glic, tuigseach, geur-chuiseach. Taghaidh an duine glic na briathran a thig ri càileachd na h-inntìnn aige, mar a thaghas na h-ainmhidhean am feur a chòrdas riutha. Faodaidh tu mise a chreidsinn, ’ille òig, an uair a their mi riut, gur e am fortan a chuir do’n taigh so thu. Gheibh thu anns an taigh so iomadh ni nach fhaigheadh tu ann an taigh sam bith eile—gheibh thu ann mòran fiosrachaidh agus tuigse; agus ciod a’s fhearr na sin do dhuine òg a tha air toiseachadh ri cothachadh an t-saoghail. Foghlum, gliocas, tuigse; sin agad na nithean a thig a chum do mhath air a’ cheann mu dheireadh.” Cha tug mi aon chuid taing no freagradh sam bith eile dhi; oir cha robh fhios agam ciod bu chòir dhomh a radh. Bha mi ag radh rium fhein aig an àm, gu’n robh e car as a rian, ar neo air mhisg; ach bha mi mearachdach ’nam bharail. Bha i cho glic ’s cho stòlda ’na h-inntinn ri te sam bith; agus cha bhlaiseadh i air deoch làidir. Ach bha i air a h-at suas gu h-anabarrach, a chionn gu’n robh barrachd foghlum aice na bh’ aig iomadh te eile. Bha i ag amharc sìos air gach neach nach b’ urrainn labhairt mu gach ni mar a labhrrdh i fhein. Ged a bha i deas-bhriathrach gu leor, cha robh e an comas do neach sam bith gach facal a theireadh i a thuigsinn. Ach o’n a bha daoine ag eisdeachd rithe; bha i toilichte gu leor. (Ri leantuinn.) ROB RUADH MAC-GRIOGAIR. Earrann IV. LE LACHUINN MAC GILLEAIN. Thuirt sinn cheana gu’n do dh’ aontaich tuath agus uaislean na dù’cha càin, no cìs, no màl-dubh a thoirt do Rob arson an spreidh ’san eudail a chumail bho chreachadairean. Ma ’n àm so bha cuid de thighearnan mòr ann a dhiult a phàigheadh ag ràdh gu ’m bu dìmeas leo leithid. Bann diu so fear Ardbhru’chaill, ach nuair chunnaic Rob nach pàigheadh e chaidh e le ghillean gu ’chaisteal—dh’ fhag e iadsan air chùl cnòic agus chaidh e fein a chum an doruis,—bhuail e—fhreagair an sciomalair,—dh’ fharaid Rob an robh a mhaighistir aig baile? “Tha,” ars’ am ba’lach, “ach thuirt e nach faiceadh e duine ’n diugh, oir tha moran de dhaoine mora aig an dinneir leis.” Abair ris gu bheil Rob Ruadh Mac Griogair aig an dorus agus gu feum e tighinn a bhruidheann ris ris ged bhiodh an Righ aig a bhord! Chaidh an gille agus liubhair e’n teachdaireachd, thainig e air ais agus thuirt e gu’n d’ iarr a mhaighstir air a ràdh nach eil aithne na eòlas aig air a leithid de dhuine. Sheid Rob an adharc mhor, a thug fuaim a chuir clisgeadh air a chaisteal—a dhuisg a chuile Mactalla ’bha mar mhiltean agus uaislean na cuirme amharc an aodain a cheile a’m breislich, an dùil gu’m bi ’n trompaid dheireannach a bh’ ann! A thiota bha gillean Roib ra ghuaillainn, thuirt e riu gach ceithir-chasach a bh’ air an raon iomainn air falbh; thainig an tighearna nis a mach—labhair e ri Rob—dh’fhiarr e mathanas—phaigh e’n t-ainfhioch, agus dhealaich iad cho mor aig a cheile sa tha iad riamh. Beagan na dheigh so thainig buidheann de chloinn Mhicrath a ris as an taobh-tuath, agus ghoid iad corr ’us [TD 227] [Vol. 7. No. 29. p. 3] dà cheud caora bho ghabhail tighearna Chraig-barnet,—cha robh a leithid so san àm air a chunntas na mheirle idir, ach mar ghniomh tapai, duineil, teoma, foghainteach; coma, bha nis rud ri dheanamh aig Rob; a reir a chumhnant, cha robh mar fhiachaibh air a’ chreach a thoirt air a h-ais ma bha’n t-àireamh fo sheachd cinn, ach an so tha dà cheud. ’Mach a ghabh Rob ’sa ghillean, bha iad bho chnoc gu beallach, air uideal ’s air alaban fad thri seachdainnean, gun fhorbhais air na creachadairean, gus, ma dheireadh, an tainig iad orra ann a’ monaidhean Chintáil, ann an siorramachd Ròis:—’Nuair choinnich na gillean faodaidh an leubhadair a bhi cinnteach gun robh “Coille-chragaidh” aca. Seachdainn na dha eile agus liubhair Rob a chuile ceithir-chasach do thighearna Chraig-barnet ach aona chaora! Bha Rob do ghnà a strìochdan ri diuc Authail; cha b’ ann gu leir arson a chreiche, ach mar dhìoghaltas arson a thraoiteireachd. Ma dheireadh chuir an diuc roimhe nach leigeadh e le gnothaichean dol ni b’ fhaide, agus le sàr rùn casg a chur air Rob thug e Balchuidir air, far an robh moran tuatha aige; chuir se e fein air an ceann, agus ged bu doilich e, b’eigin daibh dol leis gu tigh Raib. A’ cheart latha rainig an diuc agus a ghillean tigh Raib b’e lata tòraidh a mhàthar e. Chunnaic Rob an diuc a’ tighinn,—bhreathnaich e mar bha chuis—cha robh e comasach dha, chunnaic e, dol as! ’Se rinn e, bhuclaich e’ chlaidheamh mor air a shlios—chaidh e ’mach an coinneamh an diuc—chuir e fàilt’ air, agus thug e taing dha arsan tighinn gu tòradh a mhàthar gun chuireadh, càirdeas ris nach robh sùil aige. “Cha’n ’ann gu tòradh na caillich a thainig mi,” ars’ an diuc, “ach air do thoirsa, agus feumaidh tu a thiota dol leamsa do Pheairt.” “Cha bhiodh e eireachdail,” arsa Rob, “gu fàgainn mo mhàthir chaomh gun a h-adhlac, ach cho luath sa theid am fòd oirre, ma sa cùis eigneach e theid mi leibh.” Thuirt an diuc gu faodadh a chuid eile de na càirdean a h-adhlac, ach air a shonsan gu ’m b’ eigin da falbh. Dh’aontaich Rob, mar gum beadh, agus chaidh e ceum no dha leis, ni nuair chunnaic a pheathraichean agus a chàirdean eile thoisich iad ri caoineadh, ri rànaich, ’s ri bàs-bhualadh. ’Nuair chuala Rob so, agus a mhàthair air an eisir, dhàt a chridhe—thug e dui leum bho’n chuideachd, gan saltairt fo chasan, agus tharruinn e chlaidheamh. Tharruinn an diuc a dhaga agus loisg e air; thuit Rob cha bann leis a pheileir, ach, gu fortanach gu ’n do shleamhnaich a chos. ’Nuair chunnaic a phiuthar, Bean Ghlinn-falach, gu’n do thilgeadh, mar shaoil ise, a bràthair, thug i grad leum mar leòmhann, agus rinn i greim air an diuc air scòrnan—a dhaon draghadh thug i bhar eich e, ’s chuir i dhruim ri talamh. Ann an deich mionaidean chaidh a thachdadh, oir thug e dùlain de na bha man cuairt a fhuasgladh, mar bhith gu’n tainig a nis Rob e fein direach nuair bha sùilean an diuc a sginneadh a mach as a cheann! Bha moran de na Griogaraich a chunnaic an diuc a tighinn, agus a chuir amharas mar bha, a thainig direach air a cheart mhionaid so, leig iad leis, air chomhairle Roib, dol dhachaidh na chlùthan leth-thachte; ach na faigheadh iad a’ miann chan fhac e riamh grian no geallach na dheidh! Beagan na dheigh so bha Rob a dol troimh Auchtertire dlùth do Chraoibh, far am fac’ e ann am pairc gearan òg bòidheach a rideis ’sa sitrich; thuirt e ris fein nan ceannaicheadh air giod e gum biodh e aige, chaidh e stigh do thigh-a-bhaile agus dh’fharaid e an robh an gearan òg ud ra reic? Cha robh fear-a-bhaile ’stigh, ach dhaithnich an sgalag Rob, agus sheòl e stigh gu siobhalt e do sheomar anns an robh bean-a-bhaile fuaigheal. Thuirt e rithe gu sìobhalta gu ’n do ghabh e spéis do ghearan òg a chunnaic e anns a phairc, agus nan còrdadh iad mu’n phrìs gu’n ceannaicheadh se e. Ghabh bean-a-bhaile sraonas mor nuair chuail i so; “An e,” ars’ ise, “an t-each a chaidh a bhriseadh air mo shon féin! cha cheannaich airgiod e—cùm t-airgiod ’nad sporan.” Thainig a nis fear-a-bhaile dhachaidh—dhinnis an sgalag dha co bha stigh—chuir a fios gu ’mhnaoi tighinn don ath-sheomar—Dh’ fharaid e dh’i am b’ aithne dh’i co bh’ aice san t-seomar-mhor? “cha’n aithne dhomhsa,” ars’ ise, “ach, co dhiu cha’n uasal e; ’s ann thainig e dhiarradh Dobie, am poni grinn ceanalt’ chaidh a bhriseadh air mo shon fein!” “A chaomhag nam ban,” ars’ a fear, “ged dhiarraidh e thu fein, b’ eigin duit dol leis; am bheil fhios agad co th’ agad? Rob Ruadh! Cha dubhairt a bhan-tigheanna tuille—chaidh fear-a-bhaile stigh—chòrd e fein agus Rob mu phrìs an eich—chaidh an t-airgiod a phàigheadh sìos gu poncail, agus dh’ fhalbh Rob leis an each. ’Nuair ruith aonta Roib air Balchuidir a mach chaidh e air imric do Ghleann urcha, agus bliadhna na dha na dheigh sin ghabh e gabhail mhonadail bho Dhiuc Aurghael; teaghlach aig an robh mor-speis dha. Bha e’n so re iomad bliadhna, gun dì gun deireas, agus a reamh-rchadh na poit-chàil a’ nis ’sa ris á fang dhiuc Authail. ’Nuair chunnaic Authal so rinn e gearan ris a phàrlamaid air Aurgheal, ag ràdh gu robh e ’toirt fasga do mhearlach a bha air chùl lagha. ’Nuair chual diuc Aurgheal so dheirich e, agus thuirt e ri Authal,—“A dhiuc! Chaneil mise ’toirt do Rob Ruadh ach monadh agus uisge mar tha mi toirt do fhiadh agus do earba na frithe; ach tha thusa ga chumail ann am feòl ’s ’ann a’ min; cha’n e so uile, ach a’ reir choltais, ’s e do mhaor agus do bhaili, oir cha’n eil fada bho na thog e do mhàl na leithid so do ghabhail.” Cha robh dol a null no nall aig Authal—cha b’ urrainn e aicheadh nach robh so fiòr, agus fhuair Aurghael mor chliu arson a theomachd. ’Nuair ghabhadh Rob sogan cha robh dad a b’ fhearr leis, na’ bhi ’g innse mar theasaraig e’ bhaintighearna. Theagamh gu ’n do dhi-chuimhnich cuid d’ar leughadairean? Cha mhiste sgeul math innse da uair. Fhad sa bha Rob ann an Aurgheal cha robh beinn na beallach, cùil na fròg, uamha na uamhas nach do shiubhail agus nach d’ fhuair e mach. Chaidh e, aon fheasgar Foghair, leis fein, do Ghleann-etibh—sealladh, gun bhriag a dheanamh, cho moralach sa tha ’n Albainn. Chìte ’ghrian mar mheall cruinn teine dol a luidhe ’measg nan tonn-strìochte san iar, agus ag òradh mullach Chruchanbeann. Bha ’Nadur, mar gum beadh a cumail a h-analach, a dheisdeachd ri ceilearadh nan ian, ri fuaim an t-saimh, ri fann-gheum laoigh, agus ri langan an fheidh. Bha Rob cho làn de’n t-sealladh mhòralach ’s gu’n do shuidh e air scor creige—thug e bhoineid bhar a chinn mar umhlachd d’a Dhia, agus chuir e’ chlaidheamh ruisgte tarsuinn air a ghlùinean. Ma dheireadh dh’ fhalbh gach òradh, dheug gach faithleus, phaisg gach ian a’ ripheid; chuir Rob air a bhonaid gu falbh ’nuair ciod a chual e ach glaodhaich boirionnaich anns an ait’ udlai, fhàsail, uamhasach so! An deigh a ghlaoidh chual’ e monmhar, mar gum biodh dithis a bruidhinn—chuir e bhois ra chluais fiach an deanadh e ’mach cia as a thainig an guth, chual’ e scriach eile fad as—chuir e roimhe gum biodh e aig bun na cùise—cha robh an rathad soirbh, ach soirbh na doirbh b’ e ’n t-aon ni le Rob e an àm gàbhaidh. Rainig e nis lianag bhòidheach a’ meadhon na coille—cha robh guth ra chluinntinn, agus ’se ’rinn e leig se e fein na shìneadh a’ measg an fhraoich. Dheirich a nis a gheallach, banrigh na h-oiche agus cha chluinnte ach a ghobhar-adhar, agus seamh-luasgadh nan craobh ag aoradh don Ti mhor mhath cheart. Cha b’ fhad a bha Rob na shìneadh nuair chunnaic e dithis dhaoine tighinn a mach as a choill agus iad a consachadh gu dìorasach. Chual e fear dhiu ’g ràdh “ciod e their a h-athair ruinn—’s olc an gnothach e?” “’S coma leam ciod a their e,” ars am fear eile, “tha nighean fom ’mhath rinnsa.” “Tha dochas agam nach eil nad bheachd a mi ghnathachadh?” ars’ a chiad fhear, “a bhan tighearn ruiteach, chruiteal, mhàlta!” “Bi sàmhach!” ars an dara fear, “ged chuidich thu leam a’ gaid air falbh, cha ’n eil tuilleadh ded chomhairl a dhìth orm—bithidh tuille mun chuis nuair gheibh sinn do Shasunn—tha mo ghille air tilleadh, agus fhuair e mach gu’n tug a h-athair dùil, agus gun do thill an toir dhachaidh.” Cho luath sa chaidh iad a stigh an taobh eile de’n choill dheirich Rob, agus lean se iad, ach bha choille cho tiugh ’s gu’n do chaill se iad. Ghabh e nis dorran nach do bhruidhinn e riu; chuir e ’dhruim ri daraig, ’s thoisich e ri beachd-smaoineachadh; bha leth-amharas aige nach bu daoine talmhaidh idir a chual’ agus a chunnaic e, anns an àite fhàsail ùldaidh so, ach sìogairean! Cha robh e fada mar so ’nuair chual’ e ’ris glaodh cianail boirionnaich dlùth dha; ruith e’ chlisgeadh gus an taobh as an tainig e. An deigh rùrach agus rannsachadh troimh phreasan ’s troimh dhrisean, thainig e ma dheireadh gu seann chaisteal air mullach creige, far nach robh a chomhnuidh re iomad bliadhna ach ròcaisean ’us fithich ’us caileachan-oiche; chual e ’nis osna chianail bho ’n taobh a stigh, ach dorus no bealach air am faigheadh e’ stigh cha robh ann. Ma dheireadh fhuair e ’mach fròg aig bun a bhalla—dhialaich e stigh air a mhàgan gu fàlaidh—tharruinn e’ bhiodag, agus chuir e roimhe nach fàgadh e cùil na cial gun ransachadh. Cha deach’ e fad’ air adhart nuair chual’ e an dithis dhaoine a consachadh sa deasbaireachd; agus ann an cearn eile de’n aitreabh osnaichean cianail muladach. Smaonaich a gu’n rachadh e sa chiad dol a mach far an robh an neach na eigin—a stigh a ghabh e, agus co bha’n so ach baintighearna bhoidheach lurach na sineadh na h-aonar air fiar-saidhe. ’Nuair chunnaic i Rob thug i sgriach aisde, mar gu’n rachadh a gonadh. “Co, no cia as duitse,” ars’ ise, “led’ bhiodaig air chul-duirn a tighinn gam mhort!” “Cha’n ann a chum do mhort a bhaintighearn,” arsa Rob, “ach a chum do theasargain; ma tha thu’n cunnart innis dhomh a dhaon fhacal co thu, agus ciamar thachair dhuit a bhi san àite ùldai fhasail uamhasach so!” ’Nuair chual i so dheirich i air a h-uilinn, ach nuair bheachdaich i air a choigreach a bha cho fiadhaich coltas, cha chreideadh i gu’n robh e da rìreamh, “’S ann tha thu,” ars’ ise, “air tì mo mheallaidh?” “Cha’n eil mealtaireachd nam chom,” ars’ esan, “’s mise Rob Ruadh Mac Griogair; innis do sgeul a thiotadh, agus bi aithghearr.” “Dia gad bheannachadh,” ars’ ise, “’S mise nigheann a chinn-fheadhna so air ainm; tha mi air mo shlad air falbh le Ridire Sasunach—Oh, m’ athar! oh ’mo mhathair!”—“H-uist! h-ùist!” arsa Rob, “earb asamsa—na fàg far am bheil thu, agus theid mise agus labhraidh mi ris an Ridire Shasunach.” Chuir e’ bhiodag na truaill ’s cha dubhairt e tuille,—chaidh e gus an àite anns an cual e na daoine a’ consachadh, bha iad fathast a’ deasbad, agus an impis dol am badaibh a cheile arson mar thachair,—leum Rob a stigh far an robh iad, ’s dh’ fharaid e co iad aig an robh a chridhe no (Air a leantuinn air taobh 230.) [TD 228] [Vol. 7. No. 29. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, FEBRUARAIDH 10, 1899. NA CEILTICH. Anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi dh’ innis mi gu d’ rinn na Gaidheil, le ’n ceannard Brennus, euchdan gaisgeil anns an Roimh agus aig Delphi. Is ann an ceann mu thuath na Gréige ’bha ’n àite iongantach agus sonruichte so, ann an laithean aosmhor an t-saoghail. Is e Apollo, an dia Greugach, aig an robh sealbh ’us aoradh ann an Delphi. Tha e air innseadh dhuinn gu robh creag ard, chorrach air a sgoiltidh le cumhachd eagalach faisg air Delphi, ’s gur ann mar so bha slighe air a deanamh a dh’ ionnsuidh an àite mheasail, iomraitich so. Bha uamh no fosgladh air chor-eiginn aig Delphi as an robh aig amannan no daonnan, ceò no smùid no deathach a’ tighinn, a bha ’buileachadh comais air ceistean duilich fhuasgladh, agus air innseadh roimh laimhe gu de a bha ri tachairt do rìgh no ceannard no neach air bith eile anns gach comhstri ’us deuchainn ’us obair a bha air thoiseach air. Bu nos do Bhan-fhaidh a bhi ’n a suidhe air caithir lurach thairis air an uamh so. Bheireadh i seachad freagradh do gach neach a dh’ iarradh comhairle oirre. Bha i fein agus na daoine seolta ’bha maille rithe ’s a’ tabhairt an comhnaidh dhi, do ghnath a’ feuchainn ri freagradh a thabhairt seachad a bhitheadh comasach air seadh no dha a ghiulan; agus mar so ’nuair a thigeadh cuis air bith gu crioch, b’ urrainn do ’n Bhan-fhaidh a radh gu d’ innis i an fhìrinn air tus. Is e cealgaireachd agus breugen oillteil a bhuineadh do Dhelphi, agus d’a bhan-fhaidh agus a companaich. Thainig ainm Chroesuis a nuas thar na linntean gus an latha ’n diugh. Is e righ anabarrach beartach a bha ann. Is ann thar Lidia ’bha e ’rioghachadh. Ghabh e ’n a cheann cogadh a dheanamh an aghaidh rìgh Phersia. Dh’ iarr e comhairle bho Dhelphi, ’s fhuair e am freagradh carach so, gu robh e ’dol a mhilleadh no a sgrios rioghachd cumhachdach. Shaoil an righ uaibhreach, bochd gu robh e gun teagamh a dol a dh’ fhaotainn buaidh, agus chaidh e air aghart. Mo thruaighe! chaill e ’m blar gu muladach, agus a rioghachd agus ionmhas mar an ceudna. Bha righrean beartach cosmhuil ri Croesus agus daoine saoibhir eile a tabhairt duaisean luachmhor do Dhelphi. B’ abhaist do dhaoine eile aig an robh maoin mor a bhi ’ga chur airson tearuinteachd ann an ionadan crabhach Dhelphi. Bha fios mar so anns gach tir ’us baile mor gu robh pailteas òir ’us airgid ann an Delphi. Ma dh’ fhaoidte gu cuala Brennus agus a shaighdearan Gaidhealach fios, ann an 279 B. C., gu robh saoibhreas uamhasach ann an Delphi. Air an aobhar so rinn e fein agus ’fheachd deifir a chum am baile rioghail beartach ud a ruigheachd, agus an t-ionmhas a ghabhail doibh fein. Tha e air innseadh dhuinn gu do chaill iad a’ bhuaidh aig Delphi, ’s gu deachaidh an ceannard teoma, curanta a’ mharbhadh. Feumaidh sinn cuimhne ’ghleidheadh air an fhìrinn so, nach leigeadh na Greugaich do thamailt, no do tharcuis, no do dhroch ainm air bith tighinn air Delphi—àite ’bha co measail, muirneach, flathail ann an cridheachan nan Greugach uile. Tha MAC-TALLA ’s mi fein a’ creidsinn gur e Brennus a choisinn an latha ’s a bhuaidh ann an cogadh Dhelphi, ged rinn na h-eachdraichean Greugach oidheirp laidir air an tamailt ’s air an ruaig so a chleith. An deigh do na Gaidheil a’ Ghréig ’fhagail, chaidh iad air an aghaidh gu Ath nan damh, (Bosphorus) far am bheil baile mor nan Turcach air a shuidheachadh. Chaidh iad thairis air Ath nan damh agus ghabh iad comhnuidh ann an cuibhrionn de ’n Asia ris an goirear Galatia. Is e so am meas a tha aig an t-saoghal gu cumanta air na Gaidheil: gu bheil iad neo-sheasmhach, luasganach, furasda ’thogail agus easgaidh, do bhrigh gu bheil am fuil blath agus luath-shiubhlach air farum ’us aimhreit a thogail. Thubhairt Abstol nan Cinneach a bha min-eolach air na Gaidheil aig an robh an àite-taimh anns an Asia, “A Ghalatianacha amaideach, co a chuir druidheachd oirbh?” B’ abhaist do mhinisteir Gaidhealach ann an Albainn a bhi ’deanamh luaidh air na Gaidheil so mar na Gaidheil Asianaich. Tha Macs Muller agus sgoilearan eile ’saoilsinn gu bheil dluth dhaimh eadar Brennus agus am focal Cuimrich Brennin, agus gur e brigh an fhocail righ. On bha da cheannard de na Gaidheil a’ giùlan an aon ainm Brennus, tha e cosmhuil gur e so ainm a bhuineadh do gach ceannard airm. Tha mi fein am beachd gur e focal Gaidhlig a tha ann am Brennus, agus gu faod sinn ’fhaicinn ann am focal Breitheanas, no ‘Breith an nuas.’ Tha gach Gaidheal gle eolach air na briathran Latha ’Bhreitheanais. Tha ’m focal Fergobretus, no Fear gu breith, air am bheil Caesar a’ deanamh iomraidh, ag aontachadh leis a’ bheachd gu bheil againn ann am Brennus Breitheanas ann an riochd nuadh. Tha e fior gu leoir gu bheil cridhe nan Gaidheal blath, agus gu bheil e furasda aig amannan an treoir ’s an eud ’fhadadh suas. On chaill iad a’ bhuaidh aig Cuil-fhodair, bha na Gaidheil Albannaich ciuin ’us measarra. Ghleachd iad gu dileas, dubhlanach as leth Thearlaich Stiubhard, oighre nan righrean a b’ abhaist a bhi ’rioghachadh air Albainn. Tha na Gaidheil gle dhileas ’us ciuin ’us deanadach aig an tigh ’us thairis, on thainig crioch air ughdarras nan Stiubhardach. Is maith leis na Gaidheil Eirionnach a bhi ’deanamh faruim ’us upraid ’us othail a nis agus a rithist as leth an dùthcha fein; agus airson, mar tha iad a’ creidsinn, saorsa ’s ceartas aisig air ais do ’n eilean Eirionnach. Is ann doibh fein a’s aithne strailleadh eagalach a dheanamh, ged tha iad caoimhneil, blath-chridheach, agus anabarrach tapaidh. Tha iad a’ giùlan leo fuath do Bhreatunn an uair a tha iad a tighinn gu Stàidean America. On thainig a’ bhliadhna ùr a stigh, chaochail sgoilear Eirionnach gasda ’s ard-inntinneach, Maighstir M. T. Lochain, (Logan) ann am Broocluin, Iorc Nuadh. Is e ’bha ’deasachadh an Gaodhal—paipeir a tha air a sgriobhadh ann an tomhas mor anns a’ Ghailig Eirionnach. Cha robh MAC-TALLA riamh a’ nochdadh barrachd eud as leth na Gaidhlig na bha Lochain a’ dearbhadh, le bhi ’cur impidh air gach Eirionnach anns na Stàidean a bhi fior-dhileas do chanain Eirinn, ’us a bhi faoilidh ’n a cumail suas. Bha meas mor aige air MAC-TALLA ’s air a Ghaidheal dhileas a tha ’deasachadh MHIC-TALLA bho sheachduin gu seachduin. “Is an ait liom an MAC-TALLA”: is ann air a mhodh so a’ sgriobh e mu MHAC-TALLA anns an litir mu dheireadh a fhuair mi uaithe. Tha doilgheas trom air MAC-TALLA ’s orm fein gu tainig crioch air cuairt thalmhaidh an Eirionnaich dhurachdaich, fhoghluimte, laghaich, Maighstir Lochain. CONA. Tha muinntir nan Eileanan Philipeach an deigh bristeadh a mach ann an ceannairc an aghaidh nan Geancach. Chuireadh blàr riutha o chionn ghoirid aig Manilla, agus ghabh iad an ratreud, an deigh mu dha mhile dhiubh a bhi air am marbhadh, agus mu thri mile gu leth a bhi air an leònadh. Chaidh cóig mile dhiubh a ghlacadh mar phriosanaich. Chaidh fichead de na saighdearan Geancach a mharbhadh, agus sia fichead ’sa cóig a leònadh. Tha barail aig moran a tha eolach anns na h-eileanan, gu ’n toir e deich bliadhna de na Stàitean an sluagh a thoirt gu ùmhlachd. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. [TD 229] [Vol. 7. No. 29. p. 5] NAIGHEACHDAN. Faodaidh suil a bhi againn ri side fhuar a nise. Tha an deigh mhor air tighinn gu ceann a tuath an eilein so, agus gu leor dhith. Tha i ri faicinn cho fad ’sa chi an t-sùil. Thatar a togail tigh-eiridinn do luchd-caitheamh ann an Toronto, agus tha bruidhinn air a leithid eile a chur suas ann an St. John, N. B. Cha ’n efl teagamh sam bith aig luchd-sgil an latha ’n diugh nach gabh caitheamh leigheas. Bha barrachd deighe air acarsaid Louisburg toiseach na seachdain so ’sa bha air o chionn chóig bliadhna fichead, ni a tha nochdadh gu bheil reothadh anabarrach ann. Ach cha’n eil na th’ ann de dheigh a cur dragh mor sam bith air na soithichean. Chaochail fear Iain Mac Neill, air Ceap Mabou, air an t-seachdain s’a chaidh, an deigh aois ceud bliadhna ’sa h-aon a ruigheachd. Thainig e mach do ’n dùthaich so ’nuair a bha e ’na dhuin’ òg. Air an t-samhradh s’a chaidh, rinn e astar fichead mile a choiseachd. Tha an t-side gu math fuar o chionn treis a dh’ ùine air ais, tha an deigh ’s na ròidean gle mhath, agus tha cothrom na’s fhearr aig daoine air gluasad air feadh na dùthcha na bha aca roinn mhor dhe ’n gheamhradh. Tha fuachd agus reothadh mor aca ann an Cuebec, an Ontario, am Manitoba, ’s anns an Iar Thuath. B’e Di-màirt s’a chaidh latha ’n taghaidh anns na bailtean, agus chaidh e seachad gle shàmhach anns a bhaile so. Bha Isaac Greenwell air a thaghadh mar chomhairleach anns an darra earann de’n bhaile, agus C. P. Moore anns an treas earann. Fhuair Greenwell 23 bhòt a bharrachd air Andrews, agus Moore 11 bhòt a bharrachd air Domhnull Domhnullach. Chaidh an soitheach-smùide Acadian air tir ann an Louisburg maduinn na Sàbaid s’a chaidh, agus bha i air a tur bhristeadh. Tha beul na h-acarsaid gle chumhang, agus bha an soitheach air a còmhdach le deigh air dhoigh ’s nach gabhadh na h-acraichean tilgeadh aig an àm cheart. ’Se sin a dh’ aobharaich a call. Cha robh airgead-cinnteachaidh oirre idir. Tha buidheann eile dhe na Doukhobors ann a Halifacs, far am bi iad air an cumail fad seachdain no dha. Bha a bhreac ’nam measg a tighinn air an t-seachdain, agus thatar ’gan cumail gun a dhol na ’s fhaide gus an deanar cinnteach nach eil an còrr dhi ’nam measg. Tha a cheud bhuidheann a thainig dhiubh a nise ann am Manitoba, far an d’ fhuair iad gabhail riutha gu toilichte. Tha H. M. Whitney an deigh a chuid a’s motha de ’n fhearrann iaruinn ann am Belle Isle, Newfoundland, a cheannach, a pàigheadh muillein dolair air a shon do chuideachd-iaruinn Ferrona, d’am buineadh e. Tha mar sin na h-obraichean iaruinn ri bhi air an cur air adhart an Ceap Breatunn gun teagamh sam bith, agus sin gun moran dàlach. Cha ’n eilear fhathast cinnteach càite ’m bi iad air an suidheachadh, ach bi fhios air sin an ùine ghoirid. Thainig bas cianail air fear Ailean Mac Guaire ann an Scotch Settlement, N. B., seachdain gus an Di-luain s’a chaidh. Bha e fhéin us fear eile ag obair anns a choille, nuair a dh’ fhàs esan tinn. Rinn a chompanach teine, ’s an deigh dha esan a chur na suidhe mu choinneamh, dh’fhalbh e a dh’iarraidh cuideachaidh. ’Nuair a thill e bha an teine air greim a dheanamh air an duine bhochd ’s an deigh a losgadh gu bàs. Cha robh ann ach duin’ òg, aois dheich bliadhna fichead. Air an t-siathamh latha fichead de ’n mhios a dh’ fhalbh, ann an Gleann-a-Bhàird an siorrachd Antigonish, chaochail Gilleasbuig Mac Gilleain, mac do’n Bhard Mac Gilleain. Thainig am bàrd do choille ghruamaich America anns a bhliadhna 1819, agus rinn e iomadh òran briagha air am bheil mòran de ar leughadairean gle eòlach. Is ogha do’n bhàrd an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, agus ’si mathair Mhr. Sinclair aon nighean a bhàird. IADSAN A’ PHAIGH. A. Mac Coinnich, San Francisco, Cala. Niall Mac Neill, Boston, Mass. D. A. Stiubhart, Stewartsdale, Dakota Tuath. Caitriona Stiubhart, Stewartsdale, Dakota Tuath. Raonull Mac Eachuinn, Wapella, N. W. T. Gillleasbuig Mac Gillean, Thessalon, Ont. Iain Dughlach, Sowerby, Ont. C. Mac Gill-Fhinnein, Dunbheagain, Ont. Iain D Mac Ille-mhaoil, Dunbheagain, Ont. Domhnull Mac-a-Phi, Dunbheagain, Ont. D. Mac Ille-mhaoil, Dunbheagain, Ont. Aonghas Johnson, Park Hill. Ont. Ruairidh Jonhson, Park Hill. Ont. Iain I. Mac Leoid, Crapaud, E. P. I. Alasdair Peutan, Flat River, E. P. I. Uisdean Mac-a-Phi, Souriu, E. P. I. Iain G. Caimbeal, Heatherdale, E. P. I. A. Domhnullach Double Hill, E. P. I. Iain Dillon, an t-Eilean Cruinn. Gilleasbuig Mac Neill, Ceap Dauphin. Seumas A. Gillios, B. C. Chapel. Domhull L. Mac Gilleain, Aiseag Mhira. Micheil F. Mac-a-Phi, Glace Bay. M. L. Mac Fhionghain, Point Clear. Anna B. Nic Leoid, Framboise Tuath. Tearlach A. Mac Leoid, Framboise Tuath. An t-Urr. W. A. Mac-a-Phearsain Johnstown. G. Mac Fhearghais, Marion Bridge Road. Gilleasbuig Moireastan, Rathad Horne. Murchadh Mathanach, Grand River. Lachuinn Mac Gilleain, Lexington. Alasdair Dughlach, Nyanza. D. I. Mac Phaic, L’Ardoise Iseal. Raonull Domhnullach, Kempt Road. D. T. Caimbeal, Braigh Ghlinn Comhann. Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove. Iain D. Dughlach, Grand Mira Tuath. Domhnull Mac Amhlaidh, Reserve Mines. Eachunn K. Mac Neill, South Bar. D. F. Peutan, J. P., Mabou. Micheil Mac Neill, Glengarry Valley. Lachuinn Mac Faidein, Valley Mills. Uisdean Mac-an-Toisich, Loch Katrine, N.S. D. McD. Caimbeul, Dartmouth. POSADH. Aig taobh deas Amhuinn Dhennis, air an 31mh latha de’n mhios a dh’ fhalbh, leis an Urr. Iain Ròs, Dr. Iain Friseal Mac Amhlaidh, ri Tena Agnes Nic Dhomhnuill, á South Cove. Chaidh iad air adhart gu Truro an latha sin fhéin, far an d’ fhan iad gus an ath Dhi-satharna. Bidh iad a dol a dh’ fhuireach dh’ an dachaidh ùr ann an Orangedale mu mheadhon a mhios. Tha MAC-TALLA guidhe saoghal fada sona dhaibh. BAS. —Ann a Framboise, air an 28mh latha de mhios a chaidh, Fionnladh Moireastan, ciethir fichead us ochd bliadhn’ deug a dh’ aois. Rugadh e ann an Loch-nam-madadh, an Uidhist a chin a tuath. Thainig e mach do’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1842, agus shuidhich e air Amhuinn Dhennis. As a sin chaidh e gu ruige Framboise, far an robh e gu am a bhàis. Dh’ fhàg e triùir mhac agus aon nighean gu bhi caoidh an call. —Ann a Valley Mills, air an 21mh latha de’n mhios a dh’ fhalbh, Fionnaghal Chaimbeul, bean ghràdhach F. W. Mhathanaich, da fhichead bliadhna ’sa tri a dh’ aois, a fàgail fir-pòsda agus seachdnar de chloinn òg gu bhi caoidh an call. Bha a bàs gle aithghearr agus gun dùil ris, agus chuir e dhuilichinn air muinntir na coimhearsnachd uile. Thainig seanamhair na cloinne a dh’ fhuireach an ceann, ach dhaibh-san agus d’ an athair cha lion neach sam bith aite na màthar ’s na mnatha gràdhach, a bha na boirionnach ro chliuiteach, agus air an robh meas mor aig na h-uile fhuair a h-eòlas. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 230] [Vol. 7. No. 29. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 227.) dhànadas tuaireabadh a chur air an t-seann chaisteal ùldaidh ud mu’n àm so a dh’ oiche? Ged bha Sir Seumas, agus Percey, agus triuir eile a stigh fon armaibh ghlac bal-chrith iad—shaoil iad gum bu bhith mi-nadura neo-thalmhaidh ’thainig orra! Ma dheireadh fhuair Sir Seumas de mhisnich fharaid, “Co thu fein, agus ciod a thug an so thu?” “Cia air bith co mi,” arsa Rob, “feumaidh tusa agus do chuideachd dol leam gu caisteal * * * * oir dh’ fhag thu e gun bheannachd fhagail aca.” Tharruinn Sir Seumas a chlaidheamh tharruinn Rob Ruadh a chlaidheamh; thoisich an comhrag; ann an da mhionaid bha Sir Seumas na shìneadh air an urlar ’s fhuil a craobhadh air gach taobh! ’Nuair chunnaic Percy an Ridire, a bha air a chunntas na fhear-claidheamh cho mhath ’sa bha ’n Sasunn air a leòn, ghabh e miapadh, ach cha be sin do chàch; leum iad air Rob ach cha b’ fhada sheas iad, bha mionach mu chasan dithis dhiubh ann am prioba na sùl! Ghuidh Percey air Rob a nis gu’n caomhnadh e beatha Shir Seumas, “Caomhnaidh mi, uasail cheanailt,” arsa Rob, “Chuala mi na bha eadar thus’ agus esan a’ nochd; ma gheibh e thoilltineas gheibh e bàs is tàmailtiche na tuiteam le claidheamh Rob Ruaidh,—feuchaidh mi féin ra chreuchdan a dhùnadh—falbh thus agus fàigh bàta ’s gun aisigeadhmaid a Bhaintighearn agus Sir Seumas agus na tha beò gu caisteal a h-athar—cha ruig thusa leis curam na giorag a bhi ort.” (Ri leantuinn.) LITIR A ALBA. A MHIC-TALLA IONMHUINN,—Tha mi a’ cur am broinn na litreach so òrdugh posdail chugad airson bliadhna eile dhe ’n phaipeir a’s docha leam dhiubh uile. Chuir mi feillre airson na bliadhna so chugad am mios so chaidh, agus bha cunntas beatha ghoirid an deigh feillre gach mios mu dhuine no dha a chaidh ainmeachadh am measg nam breith ’s nam bàis. Bha mi smuainteachadh gu ’m bitheadh iad sin taitneach do d’ luchd-leughaidh nan rachadh agad an cur an clò. Bha fogharadh agus toiseach a’ gheamhraidh glé fhliuch againn an so, agus ged nach d’ fhuair sinn moran sneachd’ fhathast, thainig a’ bhliadhn’ ur a stigh le reothaidhean cruaidh. Tha na h-uibhean anabarrach gann an geamhradh so, an da chuid an Albann agus an Sasunn. Tha iad ’gan creic an Sasunn aig da thasdan agus leth-chrun an dusan. Cha chreid mi gun robh iad cho gann an taobh tuath na Gaidhealtachd o chionn iomadh bliadhna. Bha stoirmean glé mhor againn o chionn moran sheachdainean, agus bha cunntasan ’s na paipearan-naigheachd air iomadh tubaist air muir ’s air tìr. Tha mi duilich a radh nach robh cleachdainnean nan Gaidheil air an cumail suas an so idir aig toiseach na bliadhna. Tha iad ’ga chunntadh uasal ’san àite so a bhi gun Ghaidhlig agus gun eòlas air dòighean nan daoine còire bho ’n d’ thàinig iad. Ged a tha pailteas Gaidhlig aig a h-uile duine ’s bean aig a bheil taighean an so, is gann gu bheil facal dhith aig an clann. Tha an clann ag radh sin, ach tha fios aig duine tuigseach sam bith nach ’eil sin idir comasach ach obair an stràic. Ciamar a thuit na cumhachdaich, agus a chaidh as do innleachdan a’ chogaidh. Is mise do charaid, CREAG-AN-FHITHICH. Blar nan Craobh, Lentran, Albainn, 7mh là de ’n chiad mhios, 1899. LITIR A EILEAN A PHRIONNSA. FHIR-DEASACHAIDH CHOIR,—Cha ’n ’eil cuimhn’ agam c’uin a sgriobh mi gu MAC-TALLA roimhe. Cha bhiodh ann ach di-nàire dhomhsa fhad ’sa chi mi litrichean dhaoine comasach eile—Cona, Caraid na Gàilig, Bodachan a’ Ghàraidh, Iain, C. C., agus moran eile; ach gu sonruichte Cona agus Iain, tha mor mheas agam air an cuid litrichean. Ach bu mhath leam oisean beag fhaighinn an drasda ’sa MHAC-TALLA. Tha toil agam gun innis sibh do Charaid na Gailig gu bheil mi ’sa cho-ruith air son duais. Bha mi an so na mo shlaod gun fheum o thoiseach a gheamhraidh, ach smaoinich mi gu bu choir feart a thoirt air an duin’ uasal a tha cho fialaidh ma chuid airgid. Chuir mi cruthagan math cruinn dheth na “Raidhean,” ’s cuiridh mi do ’r n-ionnsuidh iad an ùine ghearr. Cha ’n ’eil ann ach gnothach gu ’n chiall dhomhsa—’s mi streap suas ris a cheithir fichead—a dhol a ruith reis. Ach coma co-dhiu, “far am bi càch a nochd bidh mise ’n ath-oidhch’.” ’S cinnteach gu ’n cuala sibh gu ’n d’ thainig gaiseadh trom ’sa h-uile seorsa poir air an eilean so air a’ bhliadhna ’dh’ fhalbh. Mar a thuirt Domhull Mac Alasttair, o chionn fhada mu ’n bhuntàta: “Sialagan boga, carrach, a nuas á pollagan puinnsein.” Ach ged a thainig gaiseadh ’sa bharr an uiridh, na fagadh iad gun chur air falbh e, cha bhiodh éis air duine fad bliadhn’ eile co-dhiu. Bha na chaidh seachad de’n gheamhradh glé fhliuch. Mar thuirt Calum mu ’n litidh ’nuair a bha e ga faighinn ro thric: “Lite ’n darna h-oidhche ’s an oidhch’ eile lite.” Sin mar a bha ’n t-uisg’ againn o shamhainn—uisge ’n darna h-oidhche ’sa ’n oidhch’ eile uisge. Lion tobraichean-tarruinn gu ’m beoil, agus seilearan a dh’ ionnsaidh an ùrlair. Ged a dh’ fhanadh ’na thuit de shneachda gu latha na bliadhn’ uire, cha deanadh e rathad math. Thòisich sneachd’ ’us reothadh air a chiad latha do ’n bhliadhna,—ach tha e falbh an diugh gu luath. Bidh sibh a cur rudan neonach ’sa MHAC-TALLA, ’s tha mi smaoineachadh rud no dha innse dhuibh. Bha triùir mhnathan ’san sgire-sa àireamh bhliadhnaichean a fuireach ’san aon taigh—màthair, a nighean, agus an t-ogha, ’s an triuir nam bantraichean. Cha ’n ’eil iad ann uile nise. Tha iar-ogha do Fhloiri Dhomhnullach (a dhion beatha Phrionnsa Tearlach) ’san sgire-sa. Tha i pòsda ri Aonghas Mac Neacail. Thainig iad a mach an so as an Eilean Sgiathanach, o chionn da fhichead bliadhna; agus gu cinnteach ma bha Fionaghal a Phrionnsa cho foghainteach, eireachdail, agus cho maiseach ris an te so, cha ’n ioghnadh ged a dheanadh i gniomhan iomraiteach. O, fhir mo chridhe! na faiceadh sibhse a gairdean! Agus ged tha i ’n tri fichead ’sa deich, agus an deigh teaghlach mor a thogail, tha da ghruaidh cho dearg ri portan bruich, ’sa falt cho dubh ris an fhitheach; i cho direach ri prine, agus a ceum cho sgiobalta air an ùrlar ri ceum saighdear. ’S ged tha i da cheud punnd, cha ’n ’eil orr’ ach làn a chnamha. Chaidh a h-arach ann am Brogaig ’san Eilean Sgiathanach. B’e ainm a h-athar Iain Mac Neacail—Iain Mac Thormaid, ’Ic Neill, ’Ic Mhurachaidh; agus ainm a mathar—Fionnghal Og Dhomhnullach. Cosnaidh i-fhein meas; ud, ud! cosnaidh. Ach tha meas mor agams’ oirre airson i bhi na h-iar-ogha do Fhloiri; agus tha fios agam nach cuir Cona caomh sin as mo leth. Mo sheachd beannachd aige. ’S iomadh rud luachmhor a tha e toirt dhuinn ’sa MHAC-TALLA. Bliadhna mhath ùr dha, ’s do na h-uìle Gaidheal a tha cumail suas MHIC-TALLA. MURCHADH CAM. Ianuaraidh, 1899. MAC MHIC ALASDAIR. ’S e an Còirneal Alasdair Mac Raonuill Dhomhnullaich, (Mac Mhic Alasdair) Ghlinne-garaidh, an ceann-cinnidh fior Ghaidhealach mu dheireadh a bh’ aig na Gaidheil. Phòs e anns a’ bhliadhna 1822, Beathag, an dara nighean aig Foirbeis Phitsligo. ’S e ’n Domhnullach so a bha am beachd an Ridir Ualter Scott, ’nuair a bha e sgriobhadh cunntas Fearghas Mac Iomhair, anns an leabhar taitneach sin aige ris an abrar Waverley. B’ abhaist da a bhith caitheamh an éideadh Ghaidhealaich daonnan, agus bha e cumail suas nan cleachdannan uile a bh’ aig na Gaidheil o shean. ’Nuair a bhitheadh e air falbh bho ’n taigh bha cuideachd d’a luchd-cinnidh comhla ris an comhnaidh, agus bha fear dhiubh ri fhaicinn ’na sheasamh mar fhreiceadan aig an dorus aige. Is esan a bha ag agairt uachdaranachd nan Domhnullaich uile airson a theaghlaich-sa. Dh’ eug e air an 11mh là dhe ’n bhliadhna 1822, an oidhirp teicheadh bho bhata a chaidh ’bhristeadh air na creagaibh. Mar a bha fiachan mòra air an oighreachd aige bha feum aig a mhac ’ga reic, agus dh’ fhalbh e dh’ Australia leis a theaghlach agus a luchd-leanmhuinn. Cheannaìch Marcus Hunndaidh oighreachd Ghlinne-garaidh bho ’n cheann-cinnidh; agus, anns a’ bhliadhna 1840, chaidh a reic a rithist ri Iarla Dudley, airson £91,000. Reic esan a rithist i do Mgr. Iomhar Ellice, Ghlinne-cuaich, ’s a’ bhliadhna 1860, airson £120,000. EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. [TD 231] [Vol. 7. No. 29. p. 7] DUAISEAN. Tha mi a tairgse tri duaisean airgid—$12, $8 agus $4—do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig (Gaelic phrases and idioms) aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu, CARAID NA GAIDHLIG. Office of “Mac-Talla,” Sydney, C. B. Am Feillire. FEBRUARAIDH, 1899. 1 Di-ciaduin An fhéill Brìghde. 2 Dior-daoin Là Inbhirlòchaidh, 1645. 3 Di-haoine (4) Bàs an Iompaire Sebherus 211 4 Di-satharna An fhéill Mhaodain. 5 DI-DONAICH II Donaich roimh’n Charghus 6 Di-luain Bàs Righ Tearlach II., 1685. 7 Di-mairt 8 Di-ciaduin Bàs Ban-righ Màiri, 1587. 9 Dior-daoin Là Ghlinn Faeoine, 1603. 10 Di-haoine 11 Di-satharna [12] Bàs Dheorsa Heriot, 1624 12 DI-DONAICH Di-donaich Inid. 13 Di-luain Mort Ghlinn-comhainn, 1692 14 Di-mairt Di-mairt Inid. 15 Di-ciaduin Di-ciaduin na luath. 16 Dior-daoin 17 Di-haoine Bas Sheumais Mac Mhuirich 1796 18 Di-satharna Bàs Lùtair. 19 DI-DONAICH I Donaich dhe ’n Charghus. 20 Di-luain Crùnadh Seumas II., 1437. 21 Di-mairt Bàs Dàibhidh II., 1371. 22 Di-ciaduin 23 Dior-daoin An fhéill Bhoiseil. 24 Di-haoine Bas Mhic Leòid, am bàrd Sgiathanach, 1872. 25 Di-satharna 26 DI-DONAICH II Donaich dhe ’n Charghas. 27 Di-luain (28) Bas Eachainn Mhic Gill-eain, 1893. 28 Di-mairt MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 1, M. 10 F An Solus Ur, L. 10, U. 5, M. 18 M A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 4, M. 38 M An Solus Lan, L. 25, U. 10, M. 2 M ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. AR STOC GEAMHRAIDH. SLEIGHEACHAN. Air an deanamh leis a Chanada Carriage Co. An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh. ACUINN. Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr BEIN. An “Saskatchewan Buffalo.” CLUIG agus CUIPICHEAN. Dhe gach seorsa. BRATAN-EACH. Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean. Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 232] [Vol. 7. No. 29. p. 8] Dan, air Fogradh nan Gaidheal. LE SEUMAS MUNRO. A Mhic-talla na Gàidh’ltachd Ciod a’s fàth so do ’n ghàir tha ’s a’ Gleann? Cluinneam ciùcharan phàistean Agus ochanaich mhà’irichean ann; Reachdraich dhaoine fo àmhghar Caoidhrean ògan ’s àilleagan fann— Lean is tiamhaidh ’cho-ghairich ’Tha a’ taomhadh á d’ àros ’s an am! “Tha thu d’ choigreach ’s na Gleanntaibh ’Fhir tha ceasnachadh Sean-ghuth nan càrn, No cha b fhàth dhuit ’bhi feòraich Ciod a’s aobhar do ’m chò-ghair s’ an trà s’; Tha Luchd-dùchais na Tire ’S iad ’g am fògairt à ìnnsibh an gràidh! ’N diugh tha ’n Gleann so ’g a sgaoileadh— Agus sin a’s ceann-aobhair do ’n ghàir! ’S e ’bhi ’g ai’ris gach cómhraidh Thig am charabh is dòigh dhomh o thùs, Ach tha ’m aigne fo dhòlas, A bhi ’g ai’ris air bròn mo luchd-dùch; Rànaich naoidheanan òga Tùrsa sheann mhnathan breòite gun sùrd, Cnead na sean fhear fo dhòruinn Agus ospail a’ chròilein gun lùs! Gu ’n robh m’ ath-sgal neo-aobaidh ’N àm bhi ’g ai’ris na gaoire ’bha Tuath, Agus aitreibh ’g an sgaoileadh A’s an lasair ’n a caoiribh m’ an stuaidh! Tailmrich shaighdeir is mhaora Braghail chabar a’s thaobhan am chluais, Donnal chon’ mar ri caoineadh Nam panal falt-sgaoilte gun tuar! O! cha b’ ionann ’s na fuaimean Sin a b’ éibhinn le m’ chluais ann o chéin— B’ iad ceol-maidne nan gruagach Mar ri ceilearadh bhuachaill, mu’n spréidh; Sgal an t-seannsair ’g am ghluasad Agus fathrum na Tuath ’dol gu féum, Moch, a’s ceò mu na cruachaibh A’s an dealt air na bruachaibh fo ghréin. ’Nuair a dhùisgeadh an t-Sàbaid Dh’ éisdinn cliù as gach fàrdaich ’dol suas; A’ toirt molaidh do ’n Ard-righ— Agus dh’ ai’risinn tlàth air an fhuaim; ’S air na h-ùrnaighibh dìomhair ’Dheant’, gu h-ùmhlaidh, aig ìochdar nam bruach. No fo sgàile nan craobha Bhiodh ag aomadh ri taobh nan sruth buan. ’S na ’m biodh Càs ag cur campair Air an Dùthaich, no ’m Frangach ri strìth, Dh’ éireadh sluagh as na Gleanntaibh Anns an àm ud, a chambach mu ’n Righ. S sin air iarrtas nan uachd ran Tha a nise ’g am fuadach a ’n glìnn, Chionn le Gionach na Buannachd Gur h-annsa na sluagh leotha Ni! Sid dol ronn de na Triathaibh A rinn liansgradh o ’n t-siol a bha ann, ’Meas na Tuath’ mar shliochd dìolain A’s ’g am fuadach gu h-iargalt o ’n rann; Cha ’n ’eil dìdionn no fialachd Tlus a’s ceanal nan riaghlar ach gann, ’Righ! cha b’ ionnan o chian so ’N uair bha ’Thuath aig gach Triath mar a chlann. Anaghaol sòigh agus mearchais Mar ri òr-chuis a’s aitheas a’s pròis, Chuir na Fearainn an ainfhiach Agus b’ èudar an cearbadh air òr; ’N luchd-lagh’ ’chaidh ’g an teanchdadh Mar bu nòs, chuir an anacheart am mòid, Gus am b’ éiginn “na sealbhan” Uile ’mhalairt air airgead na ròic! So rinn fàsaichean faoine, Lóm, àiteach gun daoine, ’s an Fhonn, ’S an robh dillseachd a’s daondachd Ann an cònuidhibh faoilidh nan sonn— ’S, far am buainteadh na raointean ’S cianail mèilich nan caorach ceann-lom, ’N ionad dhuanagan gaolach Nan gruagach a b’ aobhaiche fonn. So rinn cònard a’s garbhlach Le ain-dlighe, a thoirmeasg do chloinn, Sin nan sàr-churaidh garga ’Chùm Triatha nan Garbh-chrioch ’n an greim. Le tréun-chalmachd an gàirdean A’s nach d’ àraich aon àm orra foill— S truagh an diugh leam gu’n d’ fhàgadh An iarmad air fàrsan, gun sgoinn. Ach, na ’n tòirleamadh Baoghal ’Nuas, a bhagradh nam fraoch-bheann ’s nam frìth, Bhiodh na Maithean ud faondrach A’s an Cabraich ’s an Caoraich gun bhrìgh; Ach gu lòn do na nàimhdean A ghrad-chìosnadh, gun taing dhoibh anTìr, ’S luchd a sheasamh na h-àr’aich (’S do ’m bu ghnàthach buaidh-lárch) d’ an dìth. Tha mo chlann-sa mu ’n cuairt domh ’S tha mi ’faotainn sgeoil uapa, mar thà, Cùisean làimh-riu a’ gluasad Anns na glinn anns an dual dhoibh ’bhi tàmh; Tha mòr-chliù air Triath Chluainidh Chionn e ’ghleidheadh an dualchais mar bhà, ’S nach do chuir e air fuadach Ach teaghlach de’n t-sluagh ’tha f’ a sgàth. ’S ion bhi ’g iomradh mar chòmhla Air cliù fhir an Tòisich a’ Bhràigh, ’S Mhic ’ic Eòghain nam mòr-chruach Nach do fhògair an slòigh as an àit; Cliù Mhic Shimi na h-Airde Agus cliù Mhic ’ic Phàdrùic tha sàr, ’S bidh am brataich-san làidir An uair a bhios fàilinn air càch. ’S ion ’bhi luaidh, mar an ceudna (A’s bu diùbhail mur éight’ e ’s an uair), Gu ’m bi Comunn na Feile Còmhla, cruinn an Dun-éideann gu luath; ’Chumail ciùil agus éididh Agus cainnte nan sléibhtean a suas— Gu ’n robh cliù agus éibhneas A mhaireas gach ré, dhoibh mar dhuais.” An uair a thòisicheas fear ri di-moladh a’ bhathair, faodar a bhith cinnteach gu bheil ’n a bheachd rud dheth a cheannach. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 233-240] [No. 30. a dhìth] [TD 241] [Vol. 7. No. 31. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 24, 1899. No. 31. “LEINTEAN FARSUINN DO NA LEANABAIBH OGA.” LEIS AN OLLAMH MAC FHIONGHAIN. (Air a leantuinn.) ’S ann an uair nach bi cùisean réidh eadar thu fhéin ’s do choimhearsnach a thig feum air an lagh. Cha robh na Gaidheil riamh, cho fhad ’s is fhiosrach mi, maith air deanamh laghannan. So an leasan a thug na Romanaich do ’n t-saoghal; agus cha d’ ionnsuich sliochd a’ Ghaidheil ach dona e. Cho fhad ’s is léir dhomh, cha robh beachd cothromach aig a’ Ghaidheal air mòrachd an lagha. Cha ’n fhac e gu soilleir an fhìrinn gur h-ann ’s an lagh agus fo ’n lagh a tha saorsa do ’n t-sluagh r’a fhaotainn. ’S e so a b’ aobhar nach robh e ro ullamh gu urram a chur air an lagh, no ùmhlachd dhligheach a thoirt da. ’S e na bheil do ’n fhuil cheudna ’s an Fhraing a tha toirt air an t-sluagh luasganach sin a bhi ’g atharrachadh am modh-riaghlaidh cho tric, ’s a bhi cho don-fhaighidneach fo Rìgh, fo Iompaire, ’s fo Cheann-suidhe cho fhad ’s a tha iad aca. Cha bhiodh e furasda toirt air ar n-aithrichean a chreidsinn gur h-ann fo ’n lagh a tha saorsa. O shean cha robh beachd cothromach aca air Coir no Ceartas mar a tha sinne tuigsinn na cainnt. Cha d’ ionnsuich aona chuid an Eachdraidh no an Luchd-teagaisg sin dhaibh. Agus fhathast cha mhor d’ ar luchd-duthcha dh’ aidicheas gu bheil Lagh is Ceartas co-ionnan. Cha ’n ’eil bàigh aig an Lagh ri pearsa seach a chéile. Ach cha ’n urrainn do ’n Ghaidheal a thuigsinn, ma bha an lagh cothromach, ’s air a’ sgoltadh gu ceart, ciamar a thainig esan gu bhi mar a tha e. Agus tha fhios aige glé mhaith ’dé seorsa ceartais a gheibheadh Domhnullach o Chaimbeulach, no Mac Leoid o Mhac Coinnich ’s an àm a dh’ fhalbh. Agus ma theid e thun nam Bàrd a bha anns gach linn ’s anns gach aite eile, air taobh na fìrinn ’s na còrach, cha ’n fhaigh e, o Bhàird a dhùthcha, an lòn a bheir beatha ’s neart do ’n spiorad a tha ’n geall air saorsa. Tha Bàrdachd Oisein, mar a thug Mac Mhuirich seachad i, greadhnach ’na dòigh. Tha cridhe an Ughdair an impis sgàineadh a’ caoidh an léir-sgrios a thainig air a dhùthaich; is trom acain a’ chléibh an déigh nan Laoch nach maireann. Ach cha ’n ’eil Oisein (no Mac Mhuirich) a’ seasamh còir an t-sluaigh. Leugh an t-saothair so o cheann gu ceann, agus is gann a bhios fhios agad gu bheil sluagh idir ann. Tha sealladh a’ Bhaird cho àrd ’s nach léir dha ach laoich is gaisgich; tha fuaim is farum a’ bhlàir a ghnàth ’n a chluais, ’s cha chluinn e glaodh nam bochd. Tha Mac Mhaighstir Alastair a’ guidhe a’ pheanais a’s glan a thoill iad air na Deòrsachan: ’S nam faighinn mo dhùrachd Bhiodh an diùc air dhroch càramh; Gu ’m biodh bùitseir na feòla, Agus còrcach m’a bhràghad; ’S gu ’n gibhtinn a’ Mhaighdeann, Mar oighreachd d’a bhràthair. Ach leugh saothair a’ Bhaird agus eachdraidh a’ bheatha, agus cha ’n fhaic thu gu bheil cùis an t-sluaigh a’ cur moran smuairein air an Domhnullach. Cha ’n fhearr teagasg Dhonnachaidh Bhain. ’Na àite fein tha Mac-an-t-Saoir urramach,—a’ seinn mu na beanntan, ’s mu na féidh. Chunnaic am Bard Beinn Dòrain a ghaoil ’na fàsach: bha e ’g ionndrainn nan daoine, ach bha e ’g ionndrainn nam fiadh ’s nan eun na bu mhodha: ’N uair sheall mi air gach taobh dhiom, Cha ’n fhaodainn gun bhi smalanach; ’N uair theirig coill is fraoch oirnn, ’S na daoine bh’ ann cha mhaireann iad: Cha ’n ’eil fiadh r’a shealg ann, Cha ’n ’eil ian no earb ann, Am beagan nach ’eil marbh dhìubh, ’S ann rinn iad falbh gu buileach as. Bha ’n t-eibhleadh ’s a’ phiob a’ cur barrachd cùraim air na Baird Ghaidhealach na bha leas an t-sluaigh. Agus nach ’eil iad fhathast ’n ar measg a ghlaoidheas àirde ’n cinn, a Dhòmhnach ’s a Luan: Biodh an t-aodach d’ an dean thu t’eibhleadh tiugh no tana, feumaidh am breacan a bhi de ’n t-suidheachadh cheart. Bidh a’ bhoineid air an t-seana chumadh, co-dhiù bhios ceann ann a lìonas i no nach bi. Is ann air laghannan cothromach a tha Saorsa sluaigh air a stéidheachadh. Is ann mar is diongmhalta a tha do chòir air a daingneachadh fo ’n lagh a’s dòcha nach tig ort a h-agairt ro thric, agus nach cuir thu bruaillein air do choimhearsnach. Ach an déigh so agus ’n a dhéigh, ged tha an lagh maith, ’s e a ghleidheadh aig fad na làimhe a’s fhearr. Cosmhuil ris a’ chloich ’s e urram na h-eallaige e, gus an ruig thu e. Tha e ’n a bhòcan innich; ach ’s e diù a’ chompanaich e. Nam feumainn a bhi daonnan aig lagh ri cuideigin “b’ fhearr a bhi marbh na ann.” A thuilleadh air so, tha moran d’ ar beatha air nach ruig lagh, agus gu ma fada a bhios a’ chùis mar sin. ’N a bhiadh ’s ’n a dheoch, ’n a shuidhe ’s ’n a luidhe, ’n a dhol a mach ’s ’n a theachd a steach, ’n a bheachdan ’s ’n a aidmheil,—feumaidh gu ’m bi an duine ’n a lagh dha féin. ’S ann mar is mò a chuireas tu do mheas air saorsa dhuit féin anns na cùisean so, a’s dòcha gu ’n aidich thu còir do choimhearsnaich air an t-saorsa cheudna: Gu ’m b’e sud an comunn saor, ’S cha b’e comunn nam maor mu’n bhòrd; B’e ’n comunn-sa bhi dol a nunn, ’S cha chomunn ach a nunn ’s a nall. Ach cha ’n ’eil e soirbh le mac an duine an leasan so ionnsachadh. Cha ’n fhoghainn leat saorsa do thoile fein a bhi agad; bu mhaith leat mo thoil-sa bhi ad ghleidheadh cuideachd. Tha sinn uile ro-dheas gu bhi cumadh léine ar coimhearsnoich r’ ar tomhas fein. An fhad so, is tàillearan sinn uile,—Goill is Gaidheil; Sasunnaich is Frangaich. Cha bu luaithe a bhris ar n-aithrichean cuing na Ròimh na a thoisich iad air figheadh léine, de stuth a b’ fhearr gun teagamh, ach a bha neo-ar-thaing cho cumhann ris an t-seann trusgan. O chionn ciad bliadhna bha ’n t-Saorsa air mhisg ’s an Fhraing. Chuir an sluagh suas a h-ìomhaigh ’n an àrd-bhaile, ’s bha sràidean greadhnach Pharis dearg le fuil nan daoine a b’ eigin ìobradh air a h-altair. Tha na h-Eirionnaich fo ainm Saorsa a’ stri ris a’ cheangal a tha eadar iad fhein ’s Breatunn atharrachadh. Ach, dé mu ’n fhear nach aontaich leo. ‘Dh’itheadh iad a chuid, ’s phrannaidh iad a chab’ nam faodadh iad. An e so am facal mu dheireadh mu theagasg an t-seanfhacail? Saoilidh mi nach e. Ann an cùisean saoghalta, eadar thu fhéin ’s do choimhearsnach, eadar rìoghachd is rìoghachd, cha deanar feum gun an léine, ach ’s ann mar a’s fharsuinne is fhèarr i. Cha ’n ’eil fhlos co dhiù bha no nach robh aidmheil an t-sluaigh aig Ughdar an t-Seanfhacail anns an amharc an uair a chuir e an fhìrinn chudthromach so an cainnt. Faodar a ràdh, le gné de chinnt, nach ann ’s a’ chrannaig a chualas an ràdh an toiseach. Ach nach urramach an ceann-teagaisg e, agus nach biodh e furasda Searmoin chudthromach, dhrùighteach a chrochadh ris? Cha ’n ’eil cearn eile d’ ar beatha no d’ ar dleasdanas no d’ ar teagasg anns am bheil ar còir air an léine bhi farsuinn cho teann. Ann an eachdraidh an t-saoghail cha ’n ’eil cearn eile anns an deachaidh a’ chòir a dhiùltadh cho tric no cho deanachdach. Far am biodh fiughar ri làn-shaorsa bhith, is ann a bu lugha dhi a bha r’a fhaotainn. “Is ann tre fhulangas a tha foirfeachd,”—tha so fìor anns gach ceum de bheatha an duine, ’s de eachdraidh gach sluaigh. Is ann le spàirn chruaidh a choisinn ar n-aithrichean dhuinne an t-saorsa a tha againn ’n ar dachaidhean, ’n ar rioghachdan, ’n ar eaglaisean. Is ann le strì a chuireas sinne ’s ar sliochd an t-saorsa so am farsuingeachd. Ach, cùis a tha gle iongantach, tha sinn na ’s deise gu beum a thoirt do ’n choimhearsnach nach ’eil de ’n aon aidmheil ruinn, na tha sinn do ’n fhear ud eile nach aontaich leinn mu ’n dòigh a’s fhèarr air giullachd fearainn, no air teagasg cloinne, no air riaghladh sluaigh. Cha bhiodh e freagarrach a’ chùis a leantuinn na ’s fhaide. Ach ’n ar beachdan mu nithean spioradail cho maith ri nithean tìomail, tha teagasg an t-seanfhacail an neo-ar-thaing cho feumail: “Léintean farsuinn do na leanabaibh òga.” (A chrioch.) LITIR GU IAIN BEAG. IAIN BHIG,—Tha thu a tòiseachadh air òrain a chur ri ’chéile. Dh’ fhaoidte nach bu mhisd thu beagan de sheolaidhean fhaotuinn. Gabh beachd air na sreathan so: From Green-land’s i-cy moun-tains, From Ind-ya’s cor-al strand, Where Af-ric’s sun-ny foun-tains Roll down their golden sand,— From man-y an an-shent riv-er, From man-y a palm-y plain, They call us to de-liv-er Their land from er-ror’s chain. ’S e a cheud seoladh a tha agam ri thoirt dhuit so: dean a h-uile sreath anns an fhad cheart. Mur a h-urrainn thu sin a dheanamh sguir de na h-òrain; toisich air obair eile. Gheibh thu cuid de dh-orain Ghaidhlig ’s de dh-orain Bheurla anns nach h-’eil na sreathan uile ’san fhad cheart. Coma leat-sa sin; dean thusa t-òrain fhéin ceart. Anns a cheathramh a tha mu d’ choinnimh chi thu gu bheil seachd smidean anns a cheud sreath, agus sia anns an darna sreath. Tha ’n treas sreath a co-fhreagairt ris a cheud sreath, agus an ceathramh sreath ris an darna sreath. ’Nis a réir an fhuinn a tha ’n so feumaidh a h-uile ceithir sreathan a bhith cho coltach [TD 242] [Vol. 7. No. 31. p. 2] ris, na ceud cheithir sreathan is a ghabhas iad deanamh. Ged is e India a sgriobh am bàrd is e Indya a sheinn e agus a theireadh e. Tha thu fhein ad dheagh sgoileir Beurla. Tha fios agad mar sin ged is e ancient a tha sinn a sgriobhadh nach abair sinn an-ci-ent: their sinn an-shent. Cha ’n fheil ach da smid ’san fhacal. ’S e ’n darna seoladh a bheir mi dhuit so: dean a h-uile sreath ceolmhor. Leugh a cheud sreath, From Green-land’s i-cy moun-tains. Chi thu gu bheil cudtrom do ghutha a tuiteam air an darna smid Green; air a cheathramh smid i; agus air an an t-siathamh smid, moun. Chi thu, ma sheallas tu, gu bheil cudtrom do ghutha a tuiteam air na ceart smidean anns an treas sreath, no an t-sreath a tha co-fhreagairt ris a cheud te. Tha thu a cur cudtrom do ghutha air Af, sun, foun. Beachaich an nis air an darna sreath. Tha i-fhéin agus an ceathramh sreath a co-fhreagairt. Tha cudtrom a ghutha a tuiteam annta le ’chéile air an darna sioladh, lide, no smid, air a cheathramh sioladh, agus air an t-siathamh sioladh, neo air Ind, cor, agus strand, agus air down, gold, agus sand. Anns an fhacal bratach tha cudtrom a ghutha air brat; cha ’n ann air ach. Faodaidh tu brat a radh cho laidir is a thogras tu; ach ma theid thu ri ach le t’uile neart ni thu facal ùr. Tha thu ag radh brat gu laidir; ach tha thu ’g rach ach gu lag. Tha thu mar sin a cur cudtrom a ghutha air brat. Beachdaich an nis air an fhacal brat-eich. Gheibh thu anns an fhacal so gu bheil cudtrom do ghutha a laighe air eich, cha ’n ann air brat. Tha na facail, Tha bratach bhriagh’ a dearrsadh, agus, From Greenland’s icy mountains, air an aon fhonn. Tha iad air an aon fhonn do bhrìgh ’s gu bheil cudtrom a ghutha a tighinn air na h-aon smidean ’s an da shreath. Abair an nis, Tha brat-eich bhriagh’ a dearrsadh. Cha ’n fheil iad a freagairt do ’n fhonn. Carson? Tha, do bhrìgh ’s gu bheil am fonn a cur cudtroim a ghutha air brat; ach a reir an fhacail feumaidh tu a chur air eich. Mar sin, cha fhreagair brat-eich idir. Faodaidh tu a radh: Ged nach h-’eil cudtrom an fhacail a tighinn gu nadarra air brat, cuiridh mi air e ann an seinn; nach bi sin ceart? Feuchaidh sin gu bheil ceol ann ad cheann-sa, ach cha chuir e ceol anns an t-sreath, ’s cha dean a bardachd cheart d’i. Feumaidh an t-sreath a bhi air a deanamh air dhoigh ’s gu ’n dig cudtrom do gnutha, ’nuair a bhios tu a seinn, air na smidean do ’m buin iad gu nadarra. Ciamar a fhreagradh e cudtrom do ghutha a chur air a agus e ann am mor-a agus maid-e. Nan deanadh tu sin, agus gun fhacal a labhairt ach mòr-à is maid-è, cha tuigeadh duine beo gu de a bha thu ag ràdh. Nam biodh tu buidhe agus gun fheusag ort, shaoileadh daoine gur h-e allmharach á Siberia a bha annad. Gabh an nis an ceathramh Beurla a thug mi dhuit agus cuir ann an Gaidhlig e. Tha e toirt dhaoine aig nach h-eil an soisgeul mu ’r coinnimh mar shluagh a tha ag éigheach ruinne an soisgeul a chur g’ an ionnsuidh. Na feuch ri eadar-theangachadh facal air an fhacal. Thoir seachad a bhrigh cho math ’s is urrainn thu, ach cuir am bàrdachd cheart e co dhiu. Cum ris an fhonn air a bheil e. Cuir Gaidhlig air Greenland no gabh am facal sin fhéin. Airson India gabh na h-Innsean no tìr na h-Induis. Ma tha thu fhéin an dùil gur h-e ’m facal India is freagarraiche na na h-Innsean, lean ris an fhacal sin. A réir mo bheachdsa cha fhreagair e gu math, do bhrìgh ’s gu bheil an t-ainm againn an Gaidhlig. Cha chuala mise duine riamh a bruidhinn ann an Gaidhlig air India; ach chuala mi gu leoir a bruidhinn air na h-Innsibh. Cha ’n abair mi an còrr riut an dràsd. Feumaidh tu riaghailtean na bàrdachd ionnsachadh a lion beagan is beagan, mar a dh’ ith an cat an sgadan. GLEANN-A-BHAIRD. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XV. MU MO CHOMPANACH. An deigh dhomh mo bhiadh a ghabhail, thog mi orm, agus chaidh mi do thaigh mo dheadh charaid, Domhull Dughallach. Cha robh e ’san eaglais an latha ud, ge b’e air bith aobhar a chum aisde e. B’ ainneamh leis an latha naomh a chur seachad ’na chadal a staigh mar a bha gu leòr eile de shluagh a’ bhaile ’deanamh. Ghabh e rud eiginn de dh’ ioghnadh an uair a chunnaic e mi; oir cha b’ abhaist dhomh a bhith ’dol do ’n taigh aige mu’n àm ud de latha. Dh’ innis mi dha gu’n deachaidh mi dh’ fhuireach a dh’ àite ùr; agus leig mi ris dha gu saor, soilleir gach ni a b’ aithne dhomh mu mhuinntir an taighe. Bha e gle dhiùmbach dhiom a chionn gu ’n d’ fhalbh mi as an àite san robh mi o’n a chaidh mi do ’n bhaile. Thuirt e rium gu’n robh e cinnteach gu ’m biodh an aithreachas orm an ùine gun bhith fada air son mar a rinn mi; ach ged nach d’ innis mi sin dhasan an latha ud, bha aithreachas gu leòr orm. Thuirt e rium mi bhith air m’ fhaiceal roimh mo chompanach leapadh, air eagal gu ’n tugadh e an car asam. “Theid mise an urras,” ars’ esan, “gu’m bi e ag iarraidh iasad airgid ort an ùine gun bhith fada. Cum do chuid airgid agad fhein. Agus ma tha eagal ort nach teid agad air an airgiod a dhiùltadh dha, cuir a h uile sgillinn a th’ agad anns a’ bhanca ach na dh’fheumas tu gus do bhiadh ’s do sheomar a phaigheadh. Bha dùil agamsa mi fhein gu’n robh mi faicleach, tapaidh gu leòr; ach thugadh an car asam uair no dha. Thig na slaoightirean ud far am bheil daoine aig an saoil iad am bi beagan airgid, agus le naigheachdan breugach bheir iad orra gu’n toir iad dhaibh a’ bheag no mhor ged a b’ann an aghaidh an toile. Thig iad a dh’ iarraidh beagan an iasad, ach b’e sin iasad caillich gun diasan, an t-iasad a gheibheadh iadsan. Cha tig an latha ’phaighear e. Cha bu chòir do dhuine iasad a dhiùltadh do dhaoine bochda, onarach, eadhoin ged nach biodh a’ chùis coltach gu ’m paigheadh iad gu bràth e. Tha Dia ag iarraidh oirnn so a dheanamh. Agus ma ni sinn mar a tha Dia ag iarraidh oirnn, cha teid sinn cearr a chaoidh. Ged a bheireadh tusa na tha agad ris an t-saoghal do ’n òganach spaideil a tha ’fuireach comhladh riut, cha bhiodh dad agad fhein no aigesan air a shon. Creid thusa mise, cha bhi ùine fhada gus an cuir do chompanach lion a mhillidh m’ a chasan fhein, mar a rinn a h-uile fear eile a bha ’leantuinn a’ chleachdaidh a tha esan a’ leantuinn. Am fear a bhios tric anns a’ mhuillean bidh sadach na mine air.” Bha moran a bharrachd air so de chomhradh eadar mi fhein ’s mo charaid, ach cha ’n ’eil aobhar a bhith ’ga aithris. Bha mo chompanach gle shamhach rium fad iomadh latha, ach cha robh sin a’ cur dragh sam bith orm. Chuir mi romham nach deanainn dlùth-chompanach dheth. Agus feumaidh mi gu saor aideachadh, nach robh mi riamh gle dheas gus dlùth-chompanas a dheanamh ri duine sam bith. Cha do chuir sin dad de chall orm. Cha ’n ann ris a h-uile neach bu chòir do mhuinntir companas a dheanamh. Tha e furasda gu leor dhuinn daoine fhaotainn ris an dean sinn companas; ach cha’n eil e cho furasda dhuinn dealachadh riutha, ma chi sinn nach ’eil e sàbhailte dhuinn a bhith na’s fhaide ’nan comunn. Is fhusa duine a chumail am muigh na chur am mach an uair a thig e steach. Ma bhios dithis ann an dlùth-chompanas ri ’cheile, feumaidh iad an inntinnean a leigeadh ris gu math saor do chach a cheile. Agus tha e gu tric a’ tachairt gu ’m bheil an dara aon ag innseadh barrachd s’a chòir do’n aon eile. An uair a tha so mar so, ma thachras, mar is minic a thachair, gu’n teid na dlùth-chompanaich beagan thar a ’chéile, no eadhoin gu’m fàs iad car coma dhe ’chéile, faodaidh gu ’n innis iad do dhaoine eile gach dìomhaireachd a bha eatorra an uair a bha iad ro mheasail air a cheile. Is e an duine glic an duine sin nach leig ris ’inntinn tuilleadh is mor do’n charaid a’s dlùithe a th’ aige. Beag air bheag thòisich mo chompanach ri fàs na bu chomhraitiche ’s na bu chaoimhneile rium. Ghabh mi amhrus anns a’ mhionaid gu’n robh ’na bheachd fabhar iarraidh orm; oir chuimhnich mi air an t-sean-fhacal so, “Is ann air a shon fhein a ni an cat an cronan.” Cha do leig mi dad orm. Bha mi cho comhraiteach ris ’sa b’abhaist dhomh. Latha dhe na laithean, an uair a dh’ éirich e ’s a’ mhadainn thug mi an aire gu’n robh aogasg gle thruagh air. An uair a shuidh e aig a bhiadh cha b’ urrainn da blasad air. Dh’ fheòraich mi dheth an robh e tinn. Agus thuirt e rium gu’n robh, agus gur e dragh inntinn a bha ’ga fhagail cho tinn. Ars’ esan, agus e ’taruinn osna throm, “Fhuair mi droch naigheachd anamoch an raoir, agus ged a chaidh mi do’n leabaidh cha b’ ann gu cadal no tàmh. Cha deachaidh norradh air mo shùil; agus tha mo chridhe gu bristeadh leis a’ bhròn. Chaidh mi an urras air mo bhràthair ann an dà cheud punnd Sasunnach, agus o nach d’ rinn esan mar a gheall e, tha ’n t-airgiod-urrais agamsa ri phàigheadh mu’n teid a’ ghrian fodha, agus tha leith cheud punnd Sasunnach ’g am dhith. Chuir mi tri fichead gu m’ mhàthair air an t-seachdain s’a chaidh; agus mur b’e sin rachadh agam fhein air an t-suim a phaigheadh gun dragh a chur air duine sam bith eile. Ach tha mi ann an glais anabarrach, agus cha’n ’eil fhios agam gu robh mhath cò air a bheir mi m’ aghaidh a dh’ iarraidh iasad airgid gus am faigh mi sgrìobhadh gu brathair m’ athar ann an America. Tha esan gle bheairteach, agus cha’n eil agam ach sgrìobhadh g’a ionnsuidh uair sam bith a bhios feum agam air airgiod, agus cuiridh e ugam na dh’ iarras mi. An do thachair beagan a bhith agadsa? Tha ’choltas ort a bhith glic, deanadach, agus shaoilinn nach biodh tu falamh. Nan tugadh tu dhomhsa deich no dusan punnd Sasunnach an drasta, is docha gu’n rachadh agam air a’ chorr fhaotainn o na cleirich a th’ anns a’ bhuthaidh comhladh rium. Tha fhios agam nach fhaic iad nam eiginn mi.” Ged nach robh facal firinn anns na dh’ innis e dhomh, bha mi ’smaointean aig an àm gu’m b’ e an tull-fhìrinn a bha e ag innseadh dhomh. Agus tha mi ’g aideachadh gu’n tugainn dha a h-uile bonn a chuir mi ma seach dhe mo thuarasdal. Ach thug mi na bh’ agam ris an t-saoghal do m’ charaid, Domhull Dughallach, gus a ghleidheadh dhomh gus am biodh fìor fheum agam air. Dh’ ìnnis mi dha nach robh e an comas dhomh an cuideachadh bu lugha a dheanamh leis. Cha do cheil mi air gu’n tug mi a h-uile bonn a bh’ agam do mo charaid gus a ghleidheadh dhomh. Dh’ aithnich mi air nach robh e ’cur teagamh sam bith anns na thubhairt mi ris. An uair a bha mi falbh do ’n bhuthaidh shìn e a lamh dhomh agus thuirt e, “Beannachd leat, ’Eachuinn, cha ’n ’eil fhios am faic sinn a chéile gu brath tuilleadh. Bi glic, agus thoir an aire mhath do’n tuarasdal a tha thu ’cosnadh gu cruaidh. Nan robh mise glic, cùramach, mu m’ thuarasdal cha ruiginn a leas a bhith anns an eiginn anns am bheil mi an diugh.” Dh’ fhàisg e mo làmh mar gu ’n deanadh dlùth-charaid an uair a bhiodh e ’dealachadh rium, agus gu cinnteach, ceart, thug an dòigh anns an do labhair [TD 243] [Vol. 7. No. 31. p. 3] e rium, agus an coltas truagh a bh’ air a ghnùis, taiseachadh air mo chridhe. Sheas mi, agus toil agam ceisd no dhà a chur air; ach ghrad thug e chùl rium, agus ghabh e steach do’n t-seomar chadail. Choisich mise air falbh thun mo ghnothaich; oir cha robh mionaid agam ri sheachnadh. Cabhagach ’s mar a bha mi coiseachd air m’ aghart bha m’ inntinn làn smaointeanan mu na thubhairt e rium aig an dorus. Ged a bha mi trang gu leòr aig obair fad an latha, bha mi gu tric a’ cuimhneachadh air mar a dhealaich sinn. Mar a b’ fhaide a bha mi ’smaoineachadh air, is ann bu mhò a bha de thruas agam ris. Cha robh mòr eòlas agam air o nach robh sin ach ùine ghoirid ann an comunn a chéile. Ged a bha sinn a’ laidhe anns an aon t-seomar, cha bu tric leinn a’ bheag de chomhradh a bhith eadrainn moch no anamoch. Mar bu trice, bhithinnsa ’nam shuain chadail mu’n rachadh esan a laidhe; agus ged a thachradh dhomh a bhith ’nam dhusgadh, cha’n abradh e facal rium. Dh’ aithnich mi air iomadh uair, gu’n robh e air leith iomall na daoraich a’ tighinn dhachaidh. Thug so orm gun a bhith ’g ràdh a bheag ris aig àm sam bith. Am beagan comhraidh a bha eadrainn, b’ ann feasgair Di-sathaìrne a bha e againn, o’n a bha sinn le cheile ’faotainn dhachaidh mu choig uairean feasgar. Bha e ’na dhuine òg cho grinn, glan, speisealta ’s a b’ urrainn a bhith. Agus bha tùr is fiosrachadh is foghlum aige a bha ’cur ioghnaidh orm. Is iomadh latha o’n uair ud a bha mi smaoineachadh air a liuthad uair a tha daoine air am mealladh mu dheidhinn an càirdean. An uair a chithear pàisde òg a tha beothail ’na inntinn, agus math gu iunnsachadh, their daoine, “Ma bhios e beo bidh e fhathast gle ainmeil. Tha h-uile coltas air gu’m bi e fhathast ’na dhuine uasal, agus gu’n dean e ’fhortan; oir tha e neo-chumanta glic a dh’fhear aoise.” A nis, tha e ’na ni ro thaitneach do gach neach a bhith ’faicinn cloinne a’ fàs suas ann am maise cuirp is inntinn, ann an gliocas, ann an tuigse, agus ann an geur-chuis. Ach tlachdmhor agus luachmhor ’s mar a tha na nithean so uile, tha e iomadh uair a’ tachairt gu’m bheil iad ’nan ribeachan a ’toirt air iomadh aon tuisleachadh. Am fleasgach òg, aoidheil, cuideachdail, comhraiteach, bidh meas mor air. Gheibh e cuireadh gu banais agus gu pòsadh a chionn gu ’m bheil e tlachdmhor ’na chomhradh, agus gur aithne dha fearas-chuideachd a dheanamh. Ach mur bi e ’na fhior fhaireachadh, claonaidh e beag air bheag air falbh o na ceumannan cearta, agus mu ’n toir e an aire dha fhein, bidh e air a dhol cho fada le sruth an uilc agus an amaideis ’s nach bi e an comas dha tilleadh. Tha so a’ tachairt gu tric, ach nan tugadh daoine òga an aire mhath dhaibh fhein, cha ruigeadh iad a leas claonadh air falbh gu olc agus gu amaideas. Cha b’ ann gus a bhith na cheap-tuislidh dhaibh a thug an Cruithfhear dhaibh na buadhan cuirp agus inntinn a fhuair iad uaithe. Ach chi sinn gu tric gu ’m bheil so a’ tachairt; agus tha e ’cur barrachd ioghnaidh oirnn ’s a ruigeadh e leas. Air an laimh eile, an uair a chi sinn daoine aig nach eil aon chuid mor-mhaise cuirp, no inntinn shoilleir gheur-chùiseach, agus a bheir sinn fa near gu ’m bheil iad a’ faighinn air aghart anns an t-saoghal pailt cho math ri feadhainn eile no na ’s fhearr, cuiridh e ioghnadh oirnn mar an ceudna. Ach cha ruig e leas. “Ni lamh nan dichiollach beairteach,” mar a tha ’n duine glic ag radh, “Ach sgriosar companach nan amadan.” (Ri leantuinn.) FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN. B’e an saighdear so aon de na ceud daoine a ghabh anns a’ chath-bhuidheann ainmeil sin ris an abrar “Am Freiceadan Dubh,” agus tha ’ainm fathasd air a ghleidheadh air chuimhne anns a’ bhuidheann ud mar chomharradh air na thachair ris, agus air a mhisneach dubhlanach, agus air a mhanadh a bha an dàn da. Chaidh Am Freiceadan Dubh a’ thogail le Caiptean Caimbeul, Finab, an uair a shuidhicheadh sia buidhnean an fheachd Ghàidhealaich so ris a’ chrich Ghàidhealaich anns a’ bhliadhna 1729, chum mianntan spuinnteach cinnidh air bith a’ chasg, agus chum nan ceatharnach a chumail o chis a’ thogail. Cha robh aon bhuidheann diubh an eiseimeil buidhne eile, agus bha breacan an caiptein fein air gach coisir. B’ iad so na caiptein, Sim Friseal, an Tighearna Lovat; Sir Donnachadh Caimbeul, Loch-an-eala; Granndach Bhaile-an-dalloch; Alasdair Caimbeul, Finab, (mac an fhir sin a chog aig Darien); Ian Caimbeul, Carraig, agus Deorsa Mac an Rothaich, Chulcairn. Bu daoine deagh-inbheach saighdearan nam buidhnean so, a’ chuid bu mo dhiubh, og-ghlùintean theaghlaichean matha—sliochd uasail nan sean uaislean agus ridirean Gàidhealach. Cha robh Iarla no Diùc anns a’ Ghàidhealtachd anns na làithean a dh’fhalbh, agus b’e càirdeas do cheann a’ chinnidh an aon chomharradh air morachd; b’ iad na h-uaislean iad-san aig an robh còir air so, agus bu cho àrd iad leo fein agus an triath bu mhò brigh anns an dùthaich gu leir. Thug na sia ceannardan an deagh aire nach bitheadh aca ach sàr-ghaisgich, threun mhisneachail, airde mhath annta, agus iad uile gu h-uallach, spaideil. Mar so, bha co-ionannachd sliochd agus fala ’na urras air, gu’m bitheadh eòlas agus meas air a’ chéile aig na h-oifigich agus aig na saighdearan, agus ge nach bu lugha air gach saighdear e féin agus fear sam bith eile anns an t-saoghal, (ni a bhitheadh ’na aobhar air ceannairc, a reir barail cuid,) gidheadh, bha leis gu’n robh a chompanaich cho àrd ris agus cho airidh air meas ris. Is e bràithreachas am bunadas is fearr, dh’ aindeoin na chaidh sgriobhadh leis na Sasunnaich ’na aghaidh, agus tha na sgriobh mi cheana a’ thaobh dhiùcan agus iarlachan a’ cur leis a’ bheachd so. B’e bràithreachas mar an ceudna bunadas gach fine, agus tha ’fhios aig an t-saoghal nach ’eil eachdraidh cinnich ri ’faotuinn a bheir bàrr air dilseachd nan seann laoch Gàidhealach aig cho seasmhach agus cho buan agus a bha i; ni nach ioghnadh, agus bràithreachas ’na mhàthair-aobhar di. B’ iad an leithidean so de dhaoine leis an do thogadh na ceud choisirean a chaidh a’ chur cruinn am measg an t-sluaigh chòrr sin, na Gaidheil Albannach—“sluagh” a deir fear-eachdraidh Bhreatuinn, “neo-atharraichte le ionnsuidhean Romhanach no Sasunnach air an taobh a deas, ni ’s mò le ionnsuidhean nan Lochlunnach air iomallan an iar agus an ear—iarmad neo-mheasgta de an rioghachd mhoir Cheiltich sin, a ruigeadh aon uair, air stucan Hercules agus air Ard-aingeal air a’ Chuan bhan.” B’ e armachd “an Fhreiceadain Duibh,” an acfhuinn agus an uidheam a b’ àbhaisteach do na coisirean riaghailteach, ach a bharrachd air so, bha aca an claidheamh mor, an targaid, an daga, agus a bhiodag fhada, am buill-airm dùthchasach aca, agus bha tuaghan Abrach aig na maoir sin ris an abrar seargeants. Bha dùil aig a h-uile fear a bha anns a’ bhuidhean ùir so, nach rachadh milidheachd iarraidh orra ach air taobh a steach na criche Gàidhealaiche, agus bha fios cinnteach aca gu’m faigheadh iad an diol de ’n mhilidheachd bu truime leis cho borb, creachach agus a bha na fineachan a b’ fhaisge do’n Ghalltachd. Bha na ceathairnich cho fearg, allmharra agus a bheireadh fogradh air chàrn orra a’ bhith; an comhnuidhean anns na h-àitean a b’ fhiadhaiche agus a b’fhaide air chùl, agus anns na sabaidean a chuireadh ’nan aghaidh am measg nam beann a la agus a dh’ oidhche, bu tearc iad a bheireadh bàrr air Fearchar Mac Sheathachain a thaobh lùths misnich, dànachd, agus deanadachd, agus e measail aig a’ h-uile fear mar a’ cheud saighdear de’n chuideachd a thogadh le Padruig Caimbeul, Finab, (bha air cuairt anns an duthaich aig an am); oir bha a cuid fein de’n dùthaich aig gach cuideachd fad aon bhliadhna deug an deigh do n’ Fhreiceadan Dubh a’ bhith air a’ thogail. B’ iomlan am basbair Fearchar, agus bu mharbhach a thilgeadh e urchair leis a’ ghunna agus leis an daga, agus bha de neart aige na chuireadh car ann an crudha-eich, no sgian dubh gu a cois ann an craoibh-giubhais; thainig a spionnadh agus a chomas air acras, tart, teas, fuachd agus sgios fhulang gu bhith ’na shean-fhacal am measg an Fhreiceadain Duibh; oir is ann a dh’ aon deoin a chaidh ’àrach agus oileamhuin le ’athair, an sar-ghaisgeach uasail, aig an robh cuimhne air na làithean o shean an uair a threòraich Dundee na treun-laoich agus na fior-churaidhean gu blàr Raon-ruaruidh; b’ ann anns na gàirdeanan aige-san a thuit am morar an am na buaidh, agus b’ iad na dearbh ghàirdeanan sin a’ ghiulain gu Taigh Urrard e. Bha athair Fhearchair ’na shean Ghàidheal ann an làn seadh an fhacail, Gàidheal a bhuineadh do ghinealach a dh’ fhalbh, ginealach a tha air a mheas ’na ghinealach sona, agus na shamhladh do na thig ’na dheigh, oir tha iomradh air na seann làithean ainmeil am measg gach uile cinnich, eadhon am meusg nan Arabach, agus iad a’ gabhail fadachd mar a tha an t-àm a dh’ aom ’gan treigsinn, àm a bha ni ’s fearr, ni ’s treine, agus ni ’s malda na an t-àm a tha an lathair, air fhearrad. Bu duine uasal athair Fhearchair, nach itheadh aran agus nach sealladh air a’ ghréin agus i ag eirigh gun a bhoineid a’ thoirt de a cheann, agus gairm a’ dheanamh air “ainmean Dhe, Muire, agus Naoimh Calum an eilein,” nach do shuidh ri biadh gun na cacha-leithean aige ’fhosgladh, chum leigeil leis na bochda agus leis na h-ainnisich tighinn a steach; nach do dhiult coinghioll a’ chlaidheimh no an sporran aige do charaid no do fhear-cinnidh, agus nach facas riamh gun airm aige eadhon ’na thalla féin; nach d’ rinn eucoir riamh air duine sam bith; ach nach leigeadh le eucoir no tàmailt gun dioghaltas geur agus luath a’ thoirt am mach ’nan deigh, agus a roghnaich am bàs ann an ceannairc ghlinn-seil, lamh an claidheamh seach umhlachd a thoirt do thaigh Hanover. Chaidh ’oighreachd-san a’ ghlacadh le teaghlach Bhraid Albainn, air sailthaobh na rinn e anns a’ cheannairc, agus ghabh ’aon ghin mhic Fearchar anns an Fhreiceadan Dubh. Mar bu dual do shàr-mhac an deagh athar, bha inntinn Fhearchair làn àrd-uaisleachd, treibhdhireachd, gaisge agus air mheomhair aige an uiread sin de sgeoil mhilidheach, fhiadhaich mu dheidhinn nan sithichean agus na Féinne a bharrachd air iomadh seanachas mu a shinnsirean, seanachas fuaighte ri tir nam beann ’s nan gleann ’s nan gaisgeach, air a ghleidheadh air cuimhne ann an iomadh luinneig agus duanaig. Chuir an uachdranachd rompa gu’n deanadh iad aon bhuidheann de na sia cuideachdan Gàidhealach. Aig an àm, bha Fearchar Mac Sheathachain gu tinn aig bothan bantraich, d’am b’ainm Mona Chamshron, faisg air Inbher-lòchaidh. Chaidh a leònadh ann an eugmhail le ceathairnich an Gleann Neimheis, agus bha e gle dhona an uair a thriall a chompanaich, le Finab air an ceann gu ruig Abar-fealdaidh, far an cruinneachadh na buidhne gu léir chum an cur an ceann a’ cheile fo Ian, Tighearna Chrawford agus Lindsay, fear a bu cheann thall do’n dream arsaidh sin o’n d’ thainig e; laoch an iomadh creuchd agus an iomadh urraim, a fhuair e ann an airm Bhreatuinn agus Ruisia. (Ri leantuinn.) [TD 244] [Vol. 7. No. 31. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, FEBRUARAIDH 24, 1899. NA CEILTICH. Tha na daoine ’rinn an dachaidh air tus ann an dùthaich air bith, a’ fagail cuimhne ’bhitheas maireannach orra fein anns na h-ainmean a thug iad do iomadh cnoc ’us comhnard, ’us meall ’us glaic, ’us loch ’us amhainn. Tha dearbhadh gu leoir againn ann an Roinnean Chanada gur iad na h-Innseanaich a thuinich ré iomadh linn annta, ’s a bhuilich na h-ainmean air loch ’us sliabh, air sruth ’us eas, air magh ’us aird air am bheil sinn a nis min-eolach. Cha ’n e siochairean beaga, breòite, ach ceatharnaich gharbha, iargalta, ’bha anns na h-Innseanaich a labhair a’ chanain d’ am buin, anns na Roinnean a tha ri taobh na fairge, na focail treuna, fuaimneach: Musquodoboit, Malagawatch, Whycocomagh, Tatamagouche, Richibucto, Mirimachi. Innsidh na h-ainmean cumhachdach ud gu deireadh an t-saoghail, gu d’ rinn na h-Innseanaich an dachaidh re iomadh ginealach ri taobh a’ chuain a tha air an aird an ear de Chanada. Is e focail Innseanaich mar an ceudna ’tha ann an Tadousac, Hochelaga, Ontario, Toronto, Niagara. Tha e fior-iomchuidh gu rachadh na h-ainmean fonnmhor, brioghmhor a ghleidheadh; oir, gle thric tha iad a’ ciallachadh ni eiginn a bhuineas do ’n aite ’tha ’g an giùlan. Tha na Stàidean fior-dheigheil air a bhi ’tabhairt ainmean cosmhuil ri Utica, Troidh, Siracuse, Roimh, thar a’ chuain; agus air a bhi tabhairt aoidheachd doibh am measg bailtean nan Stàidean. Tha e moran ni ’s fearr a bhi ’gleidheadh air chuimhne na h-ainmean a bha gach lios ’us learg ’us frith ’us fonn a’ giulan an uair a thoisich daoine ùra air sealbh a ghabhail anns an tir. Gun dragh air bith chitear gus an latha ’n diugh ainmean air feadh na Roinn-Eòrpa a tha nochdadh gu soilleir gur iad na Gaidheil a thug seachad iad. Is e cnoic arda, uamhasach a tha anns na h-Alpaich. Tha seallaidhean iongantach r’ am faicinn do ghnath faisge air na cnoic mhora so, agus do bhrigh gu bheil sneachd ’us reothadh gun cheann gun chrioch air am mullach agus air an cliathach. Is e smior na Gaidhlig a tha anns an fhocal Alp, a tha ’ciallachadh aird, no cnuic, no sleibhe. Bha an dachaidh aig na Gaidheil mata, re uine nach robh idir goirid, ann an dluths do na cnoic bhiorach, fharsuing, uamharra, na h-Alpaich. Tha ’m focal Apennines—an t-ainm a tha druim corrach, ard anns an Eudailt a’ giulan—gle cosmhuil ri Apuinn—cuibhrionn cnocach ann an taobh mu thuath Earraghaidheil. Tha Pirenees—ainm nan cnoc a tha ’dealachadh na Frainge ’s na Spainne bho cheile—a’ tighinn bho bhior agus beinn, Bior-bheinn, na Cnoic gheur. Tha Tabh—focal a tha ’ciallachadh uisge—ri fhaotainn ann an Loch Tabha, agus anns an Amhainn Tabha, an Siorramachd Pheairt, ann Albainn. Ma dh’ fhaoidte gu bheil Tabh a lathair anns na facail Tagus agus Thames. Tha e air innseadh dhuinn gu dubhairt na saighdearan Romanach, an uair a chunnaic iad an Amhainn Tabh: “Feuch an Tiber!” Co nach faic dluth-dhaimh anns an ainm Tiber—amhainn na Roimhe—ri Tobair; agus ris an fhocal Eirionnach, Tiobar Tiobraid? Eudailt: is e so am focal Gaidhlig airson Italy. Tha ’m focal Eudail gle chosmhuil ri Eudailt; agus tha e ’cur an geill gu bheil ionaltradh na dùthcha daonnan maith ’us reamhar. Tha againn ann am Portugal fior fhocal Gaidhealach—Port nan Gaidheal. Ann an Oporto, tha ’m focal ceudna Port, a lathair. Tha Port gle Ghaidhealach; oir, gus an latha ’n diugh, tha ’n t-aite anns an d’ rainig Calum Cille caladh ann an I, a’ giulan an ainm, Port na Curaich. Lisbon: gu de ’tha ’s an fhocal so ach lios ’us ban. Cha ’n ’eil teagamh air bith gu bheil am measg nan Alpach iomadh ainm Gaidhealach fathast, a bhuilich na Gaidheil o chionn fada, air cnoic ’us creagan ’us sliuchd ’us sliosan. Is e ainmean Gaidhlig a tha aimhnichean na Frainge ’giulan. Is e ’s brigh do ’n Rhine reidh amhainn, no an amhainn reidh. Tha ’n Rhone a’ ciallachadh na h-aimhne ruaidh—an amhainn ruadh. Is e so mar an ceudna brigh an fhocail Rouen—baile air an robh na Sasunnaich gle eolach anns na linntean garga, tuasaideach a bha ’s a dh’ aom. Garonne: gu de ’tha ’s an ainm so ach garbh amhainn—an amhainn gharbh. Chitear anns an t-Seine, seimh amhainn—an amhainn sheimh—agus is gle shamhach a tha ’n amhainn bheag so ’siubhal seachad air baile mor, eireachdail na Frainge. Is abhaist do na h-Eirionnaich le bosd anabarrach a bhi ’g radh gu tainig an sinnsirean air tus as an Roinn-Eòrpa, thar a’ chuain bheucaich a tha eadar an Spainn agus Eirionn. Cha robh, gun teagamh, ach bataichean beaga, suarach, eadhon aig na Gaidheil, anns na linntean a tha ’nis tosdach ann an ceo na di-chuimhne. Cha bhitheadh deigh no tlachd air bith aca ann an oidheirp a dheanamh air seoladh thairis air cuan stuadhach, sumainneach, ann am bàtaichean breoite, bochd. Bha toinisg gu leoir aca ’bhi ’faicinn gu bitheadh aca barrachd tearuinteachd, nan roghnuicheadh iad an t-aite bu chaoile de ’n fhairge ’tha eadar an Roinn-Eòrpa agus Sasunn no Breatunn. Tha ’n Caolas Sasunnach, mar their iad ris, gle bhuailteach aig gach àm air a bhi stoirmeil, luasganach. Is iomadh neach a chàineas an caolas so airson an tinneis mosaich fairge ’dh’ fhuiling e ann an dol thairis air a’ chaolas so. Is e Calais ainm baile ’tha air bruach a chaolais so. Bhuineadh e do Shasunn ré moran bhliadhnachan. Is ann eadar am baile so ’s Dobhair, ann an Sasunn, a tha ’n astar a’s giorra eadar an Fhraing agus Breatunn. Is ann gle bhitheanta thar an aiseig so tha sluagh lionmhor a’ dol air an ais ’s air an aghaidh gus an Roinn-Eòrpa. Bha tuigse gu leoir aig Gaidheil nan laithean aosmhor, liatha ’dheanamh roghainne de ’n chaolas so airson eolais a chur air tus air na h-Eileanan Breatunnach. Is e smior na Gaidhlig a tha ’s an fhocal Calais. Tha Baile ’Chaolais ann an taobh mu thuath Earra-ghaidheil, faisg air a’ ghleann iomraiteach anns an deachaidh Donullaich laghach, faoilidh, a mharbhadh gu bruideil, agus gu narach, an-iochdmhor, bho cheann da cheud bliadhna ’s corr. Tha dragh fuasach aig na Sasunnaich, a tha ’tighinn a dh’ ionnsuidh na Gaidhealtachd re gach samhradh a nis, am focal Baile ’Chaolais a labhairt no ’fhuaimneachadh. Ma dh’ fhaoidte nach ’eil iadsan ach tearc ann an àireamh a tha ’gabhal beachd, an uair a tha iad a seoladh sios air an Amhainn Chluaidh, gur e ’m focal ceudna ’tha an Calais agus ann am Baile ’Chaolais anns na Caoil Bhoideach no Mhoideach, (The Kyles of Bute) ’s ann an Caol an t-snaimh, (Colintraine). Is iad na Gaidheil cheudna ’bhuilich bho chian an t-ainm Calais, Baile ’Chaolais, na Caoil Mhoideach agus Caol an t-snaimh, air na h-aitean so. CONA. Chaochail M. Faure, Ceann-suidhe na Frainge, a sheachdain gus an de. Cha robh e tinn ach beagan uairean. McKINLEY. Tha fiosrachadh a dhith orm a thaobh Jacob McKinley agus a shinnsìrean. Bha e fuireach ann am Pennsylvania, agus bha e ’na shaighdear anns a chogadh leis an d’ fhuair na Stàitean an saorsa o Bhreatunn. Phos e Elizabeth Gilbeem, a Maryland. Chaidh e air imrig do Nova Scotia ’sa bhliadhna 1782, far an robh e a togail shoithichean. Bu mhath leam fios fhaotainn air ainmean agus aitean-còmhnuidh a chuid sin de ’shliochd a tha de’n t-sloinneadh Mc Kinley. EDWARD A. CLAYPOOL, Genealogist, 219 Dearborn Ave. Chicago, U. S. A. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. [TD 245] [Vol. 7. No. 31. p. 5] NAIGHEACHDAN. Fhuair sinn gille air son ceaird na clòdhadaireachd ionnsachadh beagan lathaichean an deigh an sanas a bhi anns a phaipeir. Fhuair sinn àireamh litrichean o ghillean ’gan tairgse fein, agus tha sinn ag innse so a chum ’s nach sgriobh an corr aig an àm so. Chaidh fear Iain Moireastan a mharbhadh anns a Mhèinn a Tuath Di-satharna s’a chaidh. Bha e ’g obair anns a mhèinn nuair a thuit meall mor ghuail air. ’Nuair a fhuaireadh e, cha robh e coingeis, agus bha e air a phrannadh ’s air a leònadh gu h-eagallach, cho mor ’s nach robh e beò ach mu thri uairean. Tha e coltach nach do ghabh e aig a ghual mar bu chòir dha mu’n do thòisich e air ’obair, agus na’m biodh e air sin a dheanamh nach robh an sgiorradh leis ’n do chaill e a bheatha air tachairt. Bha o leth-cheud bliadhna ’sa dha a dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean us ceathrar chloinne. Tha fear Tearlach Miller, ann am Boston, an deigh coig mile fichead dolair a thoirt bhar cuideachd rathad-iaruinn, air son leòn a fhuair e ’se ’g obair dhaibh. Thuirt e bhar carbaid, agus bha an da laimh air am milleadh cho dona ’s gu’m fheudar an gearradh dheth. Dhearbh e aig a chùirt nach robh an carbad an uidheam mar bu chòir, agus gu’m b’e sin a dh’ aobharaich e thuiteam. Tha fear eile anns a bhaile cheudna, Iain S. Gillios, a cur luchd-riaghlaidh taigh-caothaich Danvers ’san lagh, ag aghairt còig mile dolair air son goirteachadh a fhuair e ’se ag obair aca mar fhear-coimhid. Bhuail fear de na daoine caothaich e ’sa cheann le cloich, agus cha ’n eil e uaithe sin comasach air obair de sheòrsa sam bith a dheanamh. Buinidh e do Cheap Breatunn. Rinn pàrlamaid Nobha Scotia riaghailt an uiridh a bacail marbhadh nan cearcan-tomain fad thri bliadhna; cha robh cead ri bhi air a thoirt air son am marbhadh gu toiseach October, 1901. Dh’fheuch Mr. Longley, aig an t-suidhe so, ris an riaghailt sin atharrachadh, agus cead a thoirt do dhaoine am marbhadh an deigh October, am bliadhna. Bha e-fhéin us feadhainn eile deanamh a mach gu robh na cearcan air fàs lìonmhor anns na siorrachdan an iar, agus gu robh iad a deanamh call mor air na craobhan-meas. Ach dhiùlt a phàrlamaid atharrachadh sam bith a dheanamh, agus tha na cearcan-tomain ri bhi fo dhion an lagha gus a cheud latha de dh’ October, 1901, mar a bha’n riaghailt air a deanamh an toiseach. Tha iad a fàs gu math lionmhor air an eilean so o’n rinneadh an lagh; roimhe sin bha iad a fàs na bu ghainne gach bliadhna, agus bha eagal air daoine nach b’fhada ’n ùine gus am biodh iad air an cur as gu buileach. Fhuair sinn o chionn ghoirid paipear anns an robh iomradh air bàs a Bhreitheamh Domhnull T. Domhnullach, ann an Calumet, an Stait Michigan. Rugadh Mr. Domhnullach an eilean Cholla air an 7mh latha dhe’n gheamhradh, 1821. Bu mhac peathar e do Lachuinn Mac Gilleain, “Lachuinn na Gàilig. Fhuair e foghlum math, agus an deigh dha a bhi àireamh bhliadhnaichean ’na fhear-coimhid ann am mèinnean an Alba, an Norway, an Eirinn, ’s anns a Ghearmailt, thainig e mach do na Staitean anns a bhliadhna 1868. An deigh dha bliadhna chur seachad a meinneadaireachd, shuidhich e ann an Red Jacket, am Michigan, far’n do thòisich e ri deanamh gnothaich, ’s far an d’ fhuirich e gu àm a bhàis. Bha e àireamh bhliadhnaichean ’na bhreitheamh, agus bha e ’na dhuine measail aig na h-uile fhuair eòlas air. Cha robh a shlainte ach fad air ais o chionn dha no tri bhliadhnaichean. Dh’ fhàg e triùir mhac agus triùir nighean. Bha e ’na dheagh charaid do’n Ghàilig, agus bha litir uaithe anns a MHAC-TALLA uair no dha. Bha Vincent Dùghlach, duin’ òg a mhuinntir a bhaile, air a thoirt gu cùirt air an t-seachdain ’sa chaidh air son airgiod a ghoid o sheòladair. Fhuaireadh ciontach e, agus thugadh bliadhna dhe’n phriosan dha. Thainig am Bruce a stigh gu Sidni Tuath Di-luain s’a chaidh. Mu’n d’ rainig i bha aice ri dhol troimh dha mhile de dheigh a bha o throigh gu leth gu da throigh a thiughad, ach bhrist i troimhe gun mor strith sam bith. Bha moran mail, agus àireamh mhor de luchd-turuis a feitheamh oirre. Dhùisgeadh duine tha fuireach aig Loch nan Gilliosach an oidhche roimhe le straoighlich mu’n t-sabhal, agus air dha dhol a mach a shealltuinn, fhuair e mathan a feuchainn ri bristeadh a stigh dh’ionnsaidh nan caorach. Theich braidean cho luath ’sa chunnaic e ’n duine tighinn, ’s thug e choill’ air. Tha daoine ’g radh gu bheil na mathain a bhi tigh’n so as na tuill cho tràth so na chomharradh air earrach tràth. Tha duine mhuinntir Shidni Tuath ag radh gu fac e smeòrach Di-màirt s’a chaidh, comharradh math eile air earrach tràth. Thatar ag radh gu bheil tim-chlar an rathaid-iaruinn ri bhi air atharrachadh an ùine ghoirid, agus an uair a theid sin a dheanamh gu’m bi an earbad a fàgail a bhaile so aig ochd uairean ’sa mhaduinn, an aite bhi falbh aig sia uairean mar a tha e o’n thàinig an geamhradh. Bidh sin ’na atharrachadh a thaitneas ri muinntir na cearna so dhe ’n dùthaich gle mhath. Dh’ fheumadh duine bhi gle ghaolach air a mhoch-eiridh mu’m biodh e deònach tionndadh a mach aig cóig uairean ’sa mhaduinn, air latha fuar reota geamhraidh. Agus a reir coltas cha’n eil an carbad a bhi falbh cho tràth as a so a deanamh feum do mhuinntir àite sam bith eile. Tha caraid a tha fuireach ann am Michigan ag innse dhuinn gu bheil am MAC-TALLA an deigh a fhradharc a thoirt air ais uige. Thòisich e air am paipear a ghabhail o chionn beagan us bliadhna air ais, agus aig an àm sin cha b’ urrainn dha fhacal a leughadh gun speculair. An diugh, leughaidh e a h-uile facal dheth gun speuclair a chur an comhair a shùilean idir. Tha e ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus tha sinn an dòchas gu bheil iomadh bliadhna eile roimhe, ’s gu ’n cuir e seachad iad gu sona. Cha b’ olc an gnothuch do gach duin’ aosda ’san dùthaich cur a dh’iarraidh MHIC-TALLA, gun fhios nach cuidich e am fradharc, mar a rinn e do ’n duine chòir so. Agus ged nach deanadh e feum sam bith d’am fradharc, bheireadh e fiosrachadh agus foileachadh dhaibh nach fhaigh iad air dòigh sam bith eile. IADSAN A’ PHAIGH. Iain R. Siosal, Acadia Mines N. S. Alasdair MacMhannain, Braidalbainn, E.P.I. Niall D. Caimbeul, Rutland, Mass. Iain N. Peutan, Spokane, Wash. Iain D. Mac Gilleain, Avalon, Cala. An t-Urr. W. Gleeson. Oakland, Cala. Domhnull Mac Coinnich, Glascho, Alba. Alasdair Mac Rath, Reefton, New Zealand. Calum Mac Mhannain, Kaurihohori, New Zealand. Somhairle Mac Gilleain, St. Esperit, C. B. Aonghas Stratchan, St. Esperit. Aonghas Domhnullach, an Amhuinn aTuath. D. M. Mac Gilleain, Ashfield. Mairi Nic Gilleain, Gabarouse. Seumas Calder, am Beighe n’ Iar. H. D. Mac Neill, Marion Bridge. M. R. Johnston, am Pon Mor. Alasdair Caimbeul, Strathlorne. Domhnull M. Mac Neill, Eilean Christmas, C. Mac Gill-fhinenin, Dhunbheagain, Ont. Mairi Stevenson, Shipka, Ont. A. I. Mac Dhiarmaid, Ottawa, Ont. An Sar-Urramach Alasdair Domhnullach, Easbuig Alexandria, Ontario. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 246] [Vol. 7. No. 31. p. 6] SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XVIII. Thug am borobair greis mhor air dannsa ’s air gabhail oran; agus ged a dheanainn mo theanga tana ’bruidhinn ris, agus ’g a chomhairleachadh gu sgur cha sguireadh e gus an d’ thug e greis air atharrais air an doigh anns am biodh na daoine a dh’ ainmich e a’ dannsa agus a’ gabhail oran. An deigh dha crioch a chur air an dannsa, agus air gabhail nan oran, thuirt e rium, “Tha mi ’dol a thoirt cuireadh do na daoine laghach so do m’ thaigh gu cuirm; agus nan gabhadh tusa mo chomhairle thigeadh tu comhladh ruinn, agus leigeadh tu le do chairdean a bhith deanamh mar a thogradh iad. Cha rachainn an urras nach e daoine bith-bhriathrach a th’ annta aig am bheil tuilleadh ’s a’ choir ri radh, agus tha e cheart cho docha gu’m fagadh an cuid bruidhne tinn thu. Ach ’nam thaigh-sa cha chluinn thu ach comhradh tuigseach, taitneach.” Ged a bha fearg gu leor orm, cha b’ urrainn mi gun ghaire dheanamh an uair a chuala mi a’ chainnt gun tur so, agus thuirt mi ris, “Mur b’ e gu’m bheil gnothach sonraichte agam ri dheanamh ghabhainn an tairgse ’tha thu toirt dhomh. Ach tha mi ’guidhe ort mo leithsgeul a’ ghabhail. Bidh barrachd uine agam latha eiginn eile, agus bidh mi toileach gu leor a bhith ’nar cuideachd, ma bheir thu dhomh cuireadh. So, so, thoir dhiom an fheusag, agus greas ort dhachaidh; is docha gu’m bheil do chairdean ’g ad fheitheamh a staigh.” “Na diult dhomh am fabhar a tha mi ’g iarraidh ort. Thig comhladh ruinn; agus cuiridh tu seachad an uine leis gach cridhealas a’s taitniche is urrainn a bhith. Nam biodh tu aon uair ’nar cuideachd-ne chordadh gnothaichean cho math riut ’s nach iarradh tu a dhol do chuideachd do chairdean gu brath tuilleadh.” “Na cluinneam an corr dhe do bhruidhinn; cha ’n urrainn mise a dhol comhladh riut an diugh,” arsa mise. Thuig mi nach deanadh bruidhinn shiobhalta feum sam bith dhomh, oir thuirt e, “O nach ’eil thusa toileach a dhol comhladh riumsa do m’ thaigh fhein, feumaidh tu leigeadh dhomhsa falbh comhladh riut fhein an taobh a tha thu ’dol. Theid mi dhachaidh leis na nithean a thug thu dhomh; agus faodaidh mo chairdean an itheadh; ma thogras iad. Tillidh mi air ais gun dail. Cha bu toil leam a bhith cho mi mhodhail ’s gu’m fagainn thusa ’nad onar. Bu chomain dhomh an caoimhneas so a’ nochdadh dhut, agus an tuilleadh nam b’ urrainn mi.” “A chruthaidheachd!” arsa mise, “cha ’n fhaigh mi cuibhteas ’san duine gun tur so an diugh!” “An ainm an aigh,” arsa mise ris, “sgur dhe do chainnt gun doigh. Greas air falbh far am bheil do chairdean; ith, ol, agus bi subhach maille riutha; agus leig dhomhsa ’dhol far am bhel mo chairdean fein. Tha toil agam falbh ’nam onar; agus cha ’n ’eil iarraidh sam bith agam air daoine bhith ’nam chuideachd. A bharrachd air sin, feumaidh mi innseadh dhut, nach leigear leatsa a dhol do ’n chuideachd anns am bheil mise gus a bhith. Cha ’n fhaod duine sam bith a dhol comhladh rium.” “Cha ’n ’eil thu ach ri fealla-dha,” ars’ esan. “Ma thug do chairdean cuireadh dhutsa gus a dhol gu cuirm, c’ar son nach leigeadh tu leamsa ’dhol comhladh riut? Tha mise cinnteach gu’m biodh iad gle bhuidheach dhiot air son companach a thoirt leat a tha cuireadach, agus ni fearas-chuideachd mar a ni mise. Ach abair na thogras tu, tha mise suidhichte gu’m falbh mi comhladh riut ge b’ oil le d’ chorp.” Chuir na briathran so dragh gu leor air m’ inntinn. Cha robh fhios agam ciod air an t-saoghal an doigh leis am faighinn as a luib idir. A bharrachd air so, chuala mi aig a’ cheart am a bhith gairm an t-sluaigh gu urnuigh a’ mheadhain-latha, agus thuig mi gu’n robh an t-am agam a bhith falbh. Mu dheireadh, chuir mi romham nach abrainn facal tuilleadh ’na aghaidh, agus gu’n leiginn orm gu’n robh mi toileach e dh’ fhalbh comhladh rium. Bha e aig an am an deigh an fheusag a thoirt dhiom. Thuirt mi ris, “Theid feadhainn dhe na seirbhisich comhladh riut thun an taighe leis a’ bhiadh; agus fanaidh mise gun fhalbh gus an till thu.” Dh’ fhalbh e mu dheireadh, agus chuir mise umam cho cabhagach ’sa b’ urrainn domh. Bha ’n sluagh aig an am a falbh a dh’ urnuigh, agus dh’ fhalbh mi air cheann mo ghnothaich fhein le ceum cho cabhagach ’sa rinn mi riamh. Thuig am borobair gu math ciod a bha ’nam bheachd a dheanamh, agus cha d’ rainig e a thaigh fhein idir; ach sheas e air an t-sraid gus am faca e mo sheirbhisich-sa ’dol a steach air an dorus leis na thug mi dha de bhiadh. Ghrad thill e, agus bha e ’g a fhalach fhein aig oisinn sraide gus am faiceadh e co an taobh a bha mise gus a ghabhail, a chum gu’n leanadh e mi. An uair a rainig mi dorus an taighe aig a’ bhreitheamh, sheall mi ’nam dheigh, agus bha ’m borbair aig oisinn na sraide. Chuir so dorran gu leor orm. Bha ’n dorus leith-fosgailte, agus an uair a chaidh mi ’steach bha seana bhean ’g am fheitheamh. An deigh dhi an dorus a dhunadh, thug i mi do ’n t-seomar anns an robh an nigean og air an do thuit mi cho trom ann an gaol. Cha robh sinn ach gann air toiseachadh ri comhradh an uair a chuala sinn stararaich am muigh air an t-sraid. Sheall an nighean og am mach troimh ’n uinneig, agus chunnaic i a h-athair aig a’ gheata, agus e air tilleadh o ’n urnuigh. Sheall mise troimh ’n uinneig mar an ceudna, agus chunnaic mi am borobair mu choinneamh an taighe air taobh eile na sraide. Bha da aobhar eagail agam aig an am—bha am breitheamh air tighinn, agus bha am borobair ’gam fheitheamh air an t-sraid. Thuirt an nighean og rium nach ruiginn a leas eagal sam bith a bhith orm roimh ’h-athair, a chionn nach bu tric leis a dhol do ’n t-seomar aice; agus nan tachradh dha an latha ud a dhol do ’n t-seomar aice, gu’n robh doigh aice air m’ fhaotainn as an rathad gu sabhailte. Ach bha ’n obair gun tur a bh’ aig a’ bhorobair mhollaichte ’g am fhagail gle neo-fhoiseil; agus tuigidh sibh o na th’ agam ri innseadh gu’n robh na h-aobhair agam. Cha bu luaithe thainig am breitheamh a steach na fhuair e fios gu’n d’ rinn fear dhe na seirbhisich cron araidh, agus air a shon so thoisich e ri gabhail air le slaite. Bha ’n seirbhiseach a glaodhaich cho ard ’s gu’n robh iad ’g a chluinntinn air an t-sraid. An uair a chuala am borobair a’ ghlaodhaich, shaoil leis gur e mise a bha ’glaodhaich agus gu’n robh am breitheamh a’ deanamh droch dhiol orm. An uair a fhuair am beachd so greim laidir air an inntinn aige, thoisich e ri glaodhaich mar gu’m biodh fiadh-bheathach ann. Thoisich e mar an ceudana ri sracadh ’aodaich, ri tilgeadh an duslaich air a cheann, ’s ri gairm air na coimhearsnaich gu cuideachadh a thoirt dha. Thainig na coimhearsnaich agus dh’ fheoraich iad dheth ciod an cuideachadh a bha dhith air. “Ochan!” ars esan, “tha iad a’ mort mo dheadh mhaighstir.” Agus gun tuilleadh a radh, ruith e cho luath ’s a bha ’na chnamhan thun an taighe agam, agus e ’sior ghlaodhaich gu’n robh am breitheamh ’g am mhort. Thill e gun dail, agus a h-uile fear dhe mo sheirbhisich comhladh ris, agus cuaille mor bata an dorn gach fir dhiubh. Thoisich iad ri bualadh gu fiadhaich aig dorus a’ bhreithimh. Chuir am breitheamh seirbhiseach a dh’ fhaicinn ciod am bha cearr. Ach, ghabh an seirbhiseach eagal an uair a chunnaic e na bha de dhaoine aig an dorus, agus an coltas garg a bh’ orra, agus ghrad thill e steach far an robh a mhaighstir agus thuirt e ris, gu’n robh na miltean aig an dorus, agus gu’n robh iad a dol a bhristeadh a steach do ’n taigh. Ghrad ruith am breitheamh thun an doruis, agus an uair a dh’ fhosgail e e, dh’ fheoraich e ciod a bha orra. Ged a bha e ’n na dhuine tlachdmhor agus urramach ’na dhreuchd, cha d’ thug iad urram sam bith dha. Labhair iad anabarrach mi-mhodhail ris. “A choin nan con, ars iadsan, “ciod e an gnothach a th’ agad a bhith ’mort ar maighstir-ne? Ciod e ’rinn e ort?” “A dhaoine coire,” ars’ am breitheamh,” c’ar son a mhortain-sa bhur maighstir? Cha ’n aithne dhomhsa co e de shluagh an t-saoghal, agus cha d’ rinn e cron sam bith orm. Tha mo thaigh fosgailte dhuibh; thigibh, agus rannsaichibh e.” “Bha thu ’gabhail dha le bata,” ars am borobair, “chuala mi fhein e ’glaodhaich o chionn tiotaidh.” “Ach stadaibh oirbh,” ars’ am breitheamh, “c’ar son a bhithinnsa ’gabhail air bhur maighstir ’s nach d’rinn e dad cearr riamh orm? Am bheil e ’nam thaigh? Ma tha, cia mar a thainig e ann? Co leig a steach e? “Thusa, ’dhuine shuaraich,” ars’ am borobair, “le d’ fheusaig fhada, am bheil thu ’n duil gu’n creid sinne do bhriathran? Tha fhios agamsa ciod a tha mi ag radh. Tha do nighean ann an gaol air ar maighstir, agus dh’ iarr i air tighinn g’ a faicinn aig am na h-urnuigh an uair a bhiodh thusa o ’n taigh. Fhuair thusa fios air mar a bha cuisean, agus thill thu dhachaidh, agus an uair a ghlac thu e, thug thu air na seirbhisich gabhail dha le bata. Ach cha bhi an obair eucorach a rinn thu an nasgaidh dhut. Innsear do ’n righ mar a rinn thu, agus bheir e dhut an duais air am bheil thu gle airidh. Leig am mach as do thaigh e gu h-ealamh; ar neo mur dean thu sin, bheir sinne am mach e gun taing dhut.” “Cha ’n ’eil aobhar sam bith dhuibh a bhith ri leithid de bhruidhinn ’s de straidhlic mu’n chuis, ma tha sibh ag radh na firinn, rachaibh agus faighibh e; tha lan chead agaibh mo thaigh-sa a rannsachadh.” An uair a chual’ iad so, ghabh iad a steach do ’n taigh air iomairt ghabhail a’ chaothaich, agus shiubhail iad an taigh ’g am shireadh. O ’n a chuala mi a h-uile facal a bha am borobair ag radh ris a’ bhreitheamh, bha mi ag amharc air son aite anns am falaichinn mi fhein, agus cha d’ fhuair mi aite bu fhreagarraiche na ciste fhalamh a thachair rium anns an t-seomar. Leig mi mi-fhein ’nam shineadh innte, agus dhuin mi i. An deigh do ’n bhorobair a h-uile seomar eile ’rannsachadh, thainig e do ’n t-seomar anns an robh mi, agus an uair a dh’ fhosgail e a’ chiste ’s a chunnaic e mi, thog e air mullach a chinn i, agus dh’ fhalbh e leatha, gun tilleadh ’na cheum. Sid sios an staidhre e leatha, agus, am mach air an dorus mhor thun na sraide. Leis a’ chabhaig a bh’ air, dh’ fhosgail a’ chiste; agus, air eagal gu’m bithinn gu buileach air mo mhaslachadh an lathair na bh’ ann de shluagh, leum mi as a’ chiste le leithid de chabhaig ’s gu’n no ghoirtich mi mo chas gu h-olc, agus tha mi crubach riamh o ’n uair ud. (Ri leantuinn.) FIONNAGHAL NIC DHOMHNUILL. Tha Cona ’tabhairt moran buidheachas do Mhurchadh airson nam briathran caoimhneil a sgriobh e. Tha mise co measail ri Murchadh fein air Fionnaghal, am boirionnach flathail, aillidh, aig am bi meas ’us cliu bho gach Gaidheal muirneach gu deireadh an t-saoghail. Cha robh i ach glé òg an uair a rinn i comhnadh sonruichte ri Prionnsa Tearlach, ’s e ’n a fhear allabain bochd an deigh Chuil-fhodair. Thug i fein agus Niell Mac Eachainn am Prionnsa o Uist gus an Eilean Sgiathanach. Nochd a’ chaileag ghasda tapadh ’us eud mor as leth Thearlaich, a bha ag imeachd leatha ann an eideadh boirionnaich. Bha i [TD 247] [Vol. 7. No. 31. p. 7] ’cumail a mach gur i searbhanta Eirionnach a bha ann an Tearlach. Cha robh e idir grinn no sgiobalta ann an eideadh mnatha. Thug na saighdearan dearga ’n a priosanach i do Lunnainn, far an deachaidh moran dhaoine ’dh’ fhaicinn na caileag bheusach, ghaisgeil, a rinn gniomh co fiachail do Thearlach ann an latha muladach ’airc. Thubhairt an righ rithe, c’arson a thug i caoimhneas ’us aoidheachd do Thearlach? Fhreagair i gu nochdadh i an caoimhneas ceudna do ’n righ fein nam bitheadh e ri allaban. Phòs i Gaidheal morail, agus chaidh iad le cheile do Stàidean America. Bha seachd mic aice. Ann an aramach nan Stàidean bha iad uile air taobh righ Seorais. Bha ’n duine aice ’n a cheannard anns an arm Bhreatunnach. An uair a bha i pilltinn gu tir a dutchais, thainig long-cogaidh Frangach a ghleachd ris an t-soitheach anns an robh i ’seoladh. Bha Fionnaghal gun tamh, gun fhiamh, a’ brosnuchadh nan daoine ’bha ’n a long fein, airson cogadh dalma ’dheanamh an aghaidh nam Frangach. Thainig a mic gu h-inbhe ard anns an arm. Tha i airidh air clach chuimhne lurach a bhi air a togail os a ceann. Sgriobh an t-Urramach Mac Coinnich, nach maireann, ann an Inbhernis, eachdraidh beatha na bana Ghaidheil eireachdail. Tha aobhar aig gach neach aig am bheil fuil Fhionnaghail ’n an cuislean, a bhi taingeil ’us proiseil gu bheil daimh aca ris a’ bhoirionnach ainmeil so. Bu gle mhaith leam fein an iar-ogha fhaicinn, air am bheil Murchadh a’ deanamh luaidh. Tha e soilleir gu bheil i ann an Eilean a’ Phrionnsa, laidir, sgiamhach, comasach mar a bha Fionnaghal i fein: an uair, le cunnart eagalach di-fein, a fhuair i tearuinteachd do Thearlach bochd car uine ghearr, agus a’ naimhdean araon guineach ’us lionmhor air gach taobh. Is e boirionnach boidheach, geamnuidh a bha ann am Fionnaghal; agus tha gach coir aig gach duine ’s bean a bhuineas di, a bhi flathail, caoimhneil, mar an ceudna. Is maith a’s aithne do Mhurchadh fein Gaidhlig gheur, bhlasda, ghlan a sgriobhadh. Cuireadh e, mata, iomadh litir a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA. CONA. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. AR STOC GEAMHRAIDH. SLEIGHEACHAN. Air an deanamh leis a Chanada Carriage Co. An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh. ACUINN. Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr BEIN. An “Saskatchewan Buffalo.” CLUIG agus CUIPICHEAN. Dhe gach seorsa. BRATAN-EACH. Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean. Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 248] [Vol. 7. No. 31. p. 8] Ealaidh Bhroin. (Man was Made to Mourn.) EADAR LEIS AN URR. IAIN MAC RUAIRIDH. Air feasgar anns a’ gheamhradh fhuar ’S gach craobh is achadh lom, ’N uair bha mi ’coiseachd sios air bruaich Na h-aimhne le ceum trom; A’ m’ chomhdhail thàinig seann duine Le ceumaibh mall gun treòir, Bu gheal a cheann ’s bu tana ’ghruaidh Le trioblaid is le bròn. “C’ àit ’bheil thu ’dol mar so,’ill òig?” Labhair an seann fhear liath, “’N e saoibhreas, no ’n e sòlasan Air tòir am bheil thu triall? No ’m bheil thu—cheana air do chlaoidh Le cùram ’s bròn faraon— A’ falbh a’ m’ chuideachd gu bith ’caoidh Air son a’ chinne-daon?” “Tha ’ghrian ud shuas a’ soilleachadh Na tir air fad ’s air leud, Far ’m bheil na ceùdan ’g obair cruaidh Do dhaoinibh uaibhreach, treun; Tha mis’ o chionn ceithir fichead bliadhn’ A’ toirt fa near gach là, Gur dualach do gach duine beò A bhith ri bròn do ghnàth. “Oh dhuine! ’n uair a tha thu òg, Tha d’ ùine ’ruith gun fheum, ’S tu ’n toir air nithibh gorach, faoin An t-saoghail, ’s a toirt géill; Do mhiannaibh truaillidh a bheir ort A bhith fo sprochd ’s fo leon, ’S a leagas ort o là gu là An tuilleadh nàir’ is bròin. “Na seall a mhàin air àm na h-òig’, No air fear làidir, luath, A dh’ fhaodas cach a chuideachadh ’S e fhein a chumail suas; Am faic an duin’ aig ceann a réis Lan cùraim, éis is leòin, Is tuigidh tu, gur dualach dha A bhith gach là fo bhròn. “Tha cuid a fhuaìr ’s an t-saoghal so Ard-inbhe ’s maoin gu leòr, Na saoil gu ’m bheil gach aon dhiubh sid A’ faotainn sonais mhòir; Ach oh! nach lionar dìobaraich Air feadh gach tìr fo’n ghréin! Tha beatha ’n duine, thoir fa near Làn bròin is cùraidh gheur. ‘Is lìonar trioblaid gheur a tha ’Co-fhàs ruinn o ar n-òig’, Gur tric a thug sinne dhuinn fein Cùis nàire, dheur is bhròin! Chaidh ’n duine dhealbh le ’aghaidh ’n àird ’S gur math ’thig gràdh d’ a ghnuis, Tha an-iochd mòr an t sluaigh ri ’chéil’ ’Cur cheudan mil’ fo thùrs’. ‘Seall thus’ an duine bochd ud thall Cho fann, cho dìblidh, truagh, Gu h-umh’l ag iarraidh obrach air Co-bhràthair—fear gun truas! A tha le tàir ’ga dhiùltadh is Ga chur air chùl le pròis, ’S e coma ged tha bean is clann ’Na thaigh gu fann ri bròn. “Ma tha e ’n dàn domh’ bhith ’nam thràill Aig daoinibh àrd na tìr, Cha’n aithne dhomh c’ar son a tha Miann saorsa ghnàth ’nam chrìdh’; Mur ’eil e ’n dàn, c’ar son a tha Mi ’fulang tàir is leòin, C’ar son tha toil is cead aig càch Mo chur gach là fo bhròn? “A mhic, na bi fo iomaguin crìdh’ Mu ’n nì so, ’s thoir fa near ’Nach mair an euceart is an trràigh’ Tha ’measg an t-sluaigh ach sea[?], An duine bochd a ghluais gu réidh An ceumaidh direach, còir, Gheibh esan fois aig àm a bhàis ’S gu bràth cha dean e bròn. “O bhàis! ’s tu fhein an caraide A ’s fhearr do ’n duine bhochd! ’S caomh leam an là ’s an cuir do làmh Mo chnàmhan aosd’ fo ’n phloc! Cha’n iarr na daoine saoibhir, àrd Thu dhol gu bràth ’nan coir, Ach oh! ’s tu bheir an fhios ’s an t-sìth Do ’n fhear tha sgìth ’s fo bhròn! AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 249] [Vol. 7. No. 32. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, AM MART 3, 1899. No. 32. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XVI. MO CHOMPANACH ’SA PHRIOSAN. Thainig mi dhachaidh aig an àm ghnàthaichte feasgar, agus bha dùil agam gu’m biodh mo chompanach dhachaidh an ùine gun bhith fada. Bha mi’ gabhail fadachd gu leòr nach robh e ’tighinn feuch am faighinn am mach cia mar a chaidh cùisean leis. Ged nach robh e ’nan chomas cuideachadh a dheanamh leis, bha truas gu leòr agam ris, o’n a bha mi aig an àm a’ làn chreidsinn gur e an fhìrinn a bha e ag innseadh dhomh mu’n d’ fhalbh e ’s a’ mhadainn. Chaid mi am mach air cheann gnothaich, agus ged a bha mi gun tilleadh gus an robh e deich uairean a dh’ oidhche, cha robh esan romham a staigh an uair a thill mi. Chuir so dragh orm; oir ged nach robh dlùth chompanas eadrainn, bha sinn ciùin, sìobhalta, càirdeil gu leor ri chéile. Thuirt mi ri muinntir an taighe, gu’n robh eagal orm gu’n d’ eirich beud dha o’n a bha e cho fada gun tighinn. Ach thuirt iad rium a beul a cheile, gu’n robh iad cinnteach nach b’ eagal dha, o’n a bha e gu math tric gle anamoch gun tighinn dachaidh. Thuirt iad rium mar an ceudna, gu’m b’iomadh oidhche a dh’ fhan e am muigh gun tighinn dhachaidh idir. Ged a thug so beagan foise do m’ inntinn, cha robh mi saor is eagal gu’n d’éirich tubaist air choireiginn dha, ar neo, gu’n robh e tinn. An uair a chaidh mi ’laidhe bha mi ’smaointean air; agus cha robh uair a dhùnainn mo shùilean nach robh mi a’ bruadar air. Mu dheireadh thainig a’ mhadainn; ach cha tainig esan. Bha ’n leaba anns am biodh e ’cadal direach mar a chaireadh i ’sa’ mhadainn an latha roimhe sid. Dh’éirich mi agus chuir mi umam. An uair a shuidh mi ag mo bhiadh, bha ’chathair air am b’ àbhaist dha ’bhith ’na shuidhe falamh; agus ged nach bu tric leinn mòran comhraidh a bhith eadrainn aig ar biadh ’s a’ mhadainn, bu toileachadh leam e bhith ’nam chuideachd. Thainig na briathran a labhair e an uair a bha sinn a’ dealachadh an latha roimhe sid as ùr ’nam aire, agus eadar a h-uile rud a bh’ann cha b’urrainn mi ach fior bheagan bidh a ghabhail. An uair a ràinig mi a’ bhùth, thug fear na buthadh a thaobh mi, agus dh’ innis e dhomh gu’n robh mo chompanach, Daniel Samson, air a chur an sàs airson airgiod a ghoid air a mhaighstir; agus thuirt e rium gur docha gu’m bithinn air mo thoirt gu cuirt, agus air mo cheasnachadh mar fhianuis ’na aghaidh. Thuirt e rium mar an ceudna mi thoirt mo cheart aire gu’n innsinn an fhìrinn gu saor, soilleir, an uair a rachadh mo cheasnachadh. “Ach thoir do cheart aire,” ars’ esan, “nach bi thu deas gu bhith ’bruidhinn air aon ni a’s aithne dhut m’a thimchioll. Ma tha dad cearr agad ri ràdh ma dheidhinn, na abair e gus an cuirear air do mhionnan thu.” Ma bha dragh orm roimhe sid air son Dhaneil, bha mòran a bharrachd orm an uair a chuala mi mar a thachair dha. Ghrad thuig mi nach robh facal fìrinn anns na thuirt e rium mu’n airgiod urrais, agus mu’n airgiod a thuirt e rium a chuir e dh’ ionnsuidh a mhathar. Lughdaich so gu mòr mo mheas air; ach an deigh a h-uile rud, bha truas gu leòr agam ris aig an am. Bha mòran a bharrachd truais agam ris an uair a fhuair mi am mach mar a thuit e air falbh o na ceumannan cearta agus cothromach anns an robh e ag imeachd car ùine an deigh dha falbh a taigh ’athar. Aig an àm ud, cha robh mi ’tuigsinn gu ’m bheil ceangal dlùth eadar a bhith ann am fiachan agus a bhith ’g innseadh nam breug. Ach an diugh, tha e soilleir gu leòr dhomh, gu’m feum am fear a thuiteas ann an trom fhiachan le ’mhi-dhòigh ’s le’ ghòraiche fhein, teannadh ri innseadh nam breug gus a leithsgeul fhein a ghabhail. Is fhad a bhios fear o’n taigh mu’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein. An uair a bha mi air an rathad dhachaidh, cheannaich mi paipear a bh’ air a chur am mach am feasgar ud fhein; agus bha cunntas ghearr ann air mar a ghlacadh mo chompanach, agus an t-aobhar air son an do ghlacadh e. An uair a ràinig mi an taigh bha dithis no triùir de luchd lagha ’s de luchd rannsachaidh a staigh romham. Bha iad an deis a’ chiste aigesan, an leaba anns am biodh e ’cadal, agus gach cùil is preasa ’rannsachadh feuch am faigheadh iad forofhais air airgiod no air ni sam bith eile a shaoileadh iad a bhiodh feumail dhaibh a chum cùis-dhìtidh làidir a bhi aca ’na aghaidh. Bu cho math leam daoine eile ’fhaicinn riutha. Ach bha iad ciùin, sìobhalta gu leòr riumsa; oir cha robh aobhar aca ’bhith coimheach no iargalta rium. Ged a bha fhios aca nach robh mise ’fuireach anns an taigh ach ùine ghoirid, rinn iad ceasnachadh gu leòr orm, a chionn gu’n robh mi ’cadal anns an aon seomar ri Daniel Samson. Fhreagair mi gach ceisd a chuir iad orm cho modhail ’s cho pongail ’sa b’ aithne dhomh. Ach bha e soilleir dhaibh fhein agus dhomhsa nach deanadh aon fhiosrachadh a bha mise comasach air a thoirt dhaibh an gille bochd a dhìteadh. Thugadh gun dàil air beulaobh an luchd-lagha e; agus an deigh dhaibh beagan ceasnachaidh a dheanamh air, shuidhich iad gu’m biodh e air a chumail anns a’ phrìosan gus an tigeadh na Morofhearan Dearga do’n bhaile. An ceann beagan ùine thainig na Morofhearan Dearga do’n bhaile. Thugadh iomadh tagradh air am beulaobh. Agus thugadh cùisean mo chompanaich air am beulaobh mar an ceudna. Thugadh mise an làthair mar fhianuis; ach cha d’ rinneadh moran ceasnachaidh orm o’n a fhuaradh iomadh dearbhadh gu’n robh e ciontach. Rinn am fear-tagraidh a bh’ air a thaobh a dhleasdanas anabarrach math. Cha d’ fheuch e ri dheanamh am mach gu’n robh Daniel neo-chiontach; oir cha robh feum ann dha. Ach labhair e mòran mu thimchioll na dòigh mheasail, chliùitich anns an robh Daniel a’ caitheamh a bheatha, araon mu’n d’ fhalbh e o taigh ’athar, agus an deigh dha obair ’fhaotainn ann an Glasacho. Nochd e gu soilleir gu’m b’ ann air chomhairle dhroch companach a chlaon e air falbh o’n eisimpleir agus o na comhairlean matha a thugadh dha ann an taigh ’athar. Cha’n ’eil cuimhne agamsa ach air fìor bheagan dhe na labhair an duine; ach their mi, gu’n saoileadh neach sam bith a bhiodh ’g a eisdeachd, gur gann a bha Daniel a leith cho ciontach ’s a bha ’n luchd-dìtidh toileach a chur as a leith. Mu dheireadh labhair fear dhe na Morofhearan Dearga; agus ghabh e sealladh air a’ chùis a chuir ioghnadh gu leòr orm aig an àm. An àite bhith toileach leithsgeul a’ chiontaich a ghabhail mar a shaoileadh duine, an deis na labhair am fear-tagraidh a bh’ air a thaobh, is ann a thuirt e, gu’n robh an dòigh mheasail, chliùiteach anns an d’ fhuair e thogail a’ deanamh na cionta ’chuir e an gnìomh na bu neo-leithsgeulaiche. Nam bu duine aig nach robh eòlas ’na òige air fìrinn is onair is ceartas a dheanadh a’ chionta ’rinn e, ghabhadh daoine beagan dhe ’leithsgeul. Ach duine a fhuair eisimpleir agus teagasg math, agus aig an robh làn fhios gur e an t-olc a bha e ’deanamh an uair a bha e ’toirt leis airgiod a mhaighstir gun chead, agus a’ feuchainn cho math ’s a b’urrainn e ri falach a chur air an olc a bha e deanamh, bha e’ nochdadh gu soilleir, gu’n do thuit e air falbh gu h-anabarrach o’n staid anns an robh e an toiseach. Ged a dheanadh duine gun tùr, gun fhiosrachadh, gun eòlas, dol as an rathad a bhiodh mòr, cha chuireadh e uiread a dh’ ioghnadh air daoine. Cha’n ’eil trian agam air chuimhne dhe na thubhairt e; ach cha bu mhisde mi riamh gus a so na chuala mi e ag radh. Dh’òrdaich e Daniel bochd a chumail ann am priosan fad bliadhna gu leith. An uair a chual’ an gille bochd a’ bhinn a thugadh am mach ’na aghaidh, thoisich e ri sileadh nan deur gu fra[?]. An àm a bhith ’g a thoirt air falbh a seòmar na cùirte do’n phriosan, sheall e gu geur ormsa, mar gu’m biodh toil aige crathadh laimhe a thoirt dhomh. Nan robh mi dlùth gu leòr dha, bha mi air mo làmh a thoirt dha gun teagamh. Ged a bha fhios agam gu’n robh e ciontach, gidheadh bha truas gu leòr agam ris. B’ aithne dha e fhein a ghluasad gle iomchuidh ann an cuideachd sam bith anns am bitheadh e; agus theireadh a h-uile duine a chuir eòlas air gu’m b’e an call gu’n d’éirich dha mar a dh’ éirich. Ged a chaidh mise ’laidhe an oidhche ud, faodaidh mi ràdh gur e fìor bheagan cadail a rinn mi. Cha robh am fear a chuireadh an lath’ ud do’n phriosan a’ dol bhar mo smaointean. Thainig a leithid a dh’ atharrachadh air o’n latha chaidh a ghlacadh ’s gur gann a dh’ aithnichinn e. Agus ged a bha amhrus làidir aige gu’n cuirteadh do’n phriosan e, cha robh dùil sam bith aige gu ’n cumteadh ann e fad bliadhna gu leith. Ach an uair a chual’ e a’ bhinn a thugadh am mach ’na aghaidh, thainig dath a’ bhàis air. An ceann beagan laithean, an uair a chaidh mi dhachaidh anamoch feasgar, bha litir air a’ bhòrd ’g am fheitheamh. An uair a sheall mi oirre, dh’ aithnich mi nach fhaca mi an làmh-sgriobhaidh a bh’ oirre riamh roimhe. Ghrad dh’ fhosgail mi i. Ciod a bh’ ann ach litir o athair Dhainiel. Cha robh innte ach beagan fhacal anns an robh [TD 250] [Vol. 7. No. 32. p. 2] e ’g iarraidh orm a dhol g’a fhaicinn do’n taigh anns an robh e fuireach. Bu leasg leam a dhiùltadh; ach cha robh toil sam bith agam a dhol far an robh e. Bha amhrus laidir agam gu’m b’ ann a dh’ fheorach mu dheidhinn a mhic a thainig e. Cho luath ’s a ghabh mi greim bìdh, chuir mi umam aodach a b’ fhearr na ’n t-aodach a bha mi ’cosg a h-uile latha, agus dh’ fhalbh mi. Ged a bha mi ùine mhath ann an Glasacho, cha robh mi mion-eòlach air uile shràidean a’ bhaile; ach le treòrachadh dhaoine ’thachair rium, fhuair mi ’dh’ ionnsuidh na sràide thun an robh mi ’dol ann an ùine gun bhith fada. An uair a rainig mi an taigh, dh’ aithnich mi gu’m bu duine a bha gu math air a chois a bha fuireach ann; oir bha e ’na thaigh mòr, agus glé mhaiseach o’n taobh am muigh. An uair a bhuail mi an glag, thainig fleasgach òg air an robh cota biorach, agus brollach mor geal, a dh’ fhosgladh an doruis. Is ann a ghabh mi miapadh an uair a chunnaic mi e. Dh’ iarr e orm a dhol a steach. Lean mi e a steach do sheomar gun a bhith mor, anns an robh àireamh mhòr leabhraichean ann am preasachan glaine mòr-thimchioll a’ bhalla. Dh’ iarr e orm suidhe air ceathair; agus an uair a dh’ fheoraich e dhiom an robh gnothach sam bith agam ri fear an taighe, thuirt mi ris, gu’n d’ fhuair mi litir o fhear do’m b’ ainm Samson, ag iarraidh orm tighinn thun an taighe. An uair a chual’ e so, chaidh e mach as an t-seomar. An uair a chaidh e ’mach as an t-seòmar, thug mi sùil air feadh an t-seomair le mor-ioghnadh; oir cha ’n fhaca mi uiread sid de leabhraichean cruinn ann an aon àite riamh roimhe. (Ri leantuinn.) FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN. (Air a leantuinn.) Bha e lag, glas-neulach, caithte, oir b’ eagalach mar a chaidh a leònadh le beum tuaighe; gidheadh, bu bheag nach do leum e o a leabaidh ag cluinntinn da fuaim nam pioban aig an reiseameid a’ fas fann, agus iad a’ coiseachd troimh bhaile Muire agus ri taobh Loch-Ial. A’ bharrachd air so, bha aimhreit air a’ thaobh inisg a chuireadh am mach air le a naimhdean, na ceatharnaich, ris an do chog e gu tric, agus b’e so an inisg gu’n robh eagal air gu’n tigeadh air an Fhreiceadan Dubh imeachd thar na criche Gàidhealaich. Mar a bha an leithidean a dh’ fhathuinnean a’ faotuinn greim ni’s teinne air cach, bha cridhe uallach, feargach Fhearchair air boile le corruich agus nàire nach do thoill e. Fa dheoìgh, oidhche bha an sin, thainig seann chailleach gu diomhair do’n bhothan anns an robh e, a dh’ innseadh dha gu’n robh na dearbh cheatharnaich, a dh’ fhiach ri a dheanamh ’na bhleidire a’ cur rompa, gu’n iadhadh iad mu thimchioll a thaighe, gus a mharbhadh mar dhioghaltas air lotan araidh a rinn a chlaidheamh air cuid de’n companaich. B’ fhada o sin a thugadh an comas o na ceatharnaich le lùths agus dealas an Fhreiceadan Duibh, agus cha robh na chuireadh cluain orra, ach cothrom fhaighinn aìr Fearchar a’ mharbhadh agus a’ ghearradh ’na bhloighdean mine. “Agus an e so an innleachd aca?” arsa Fearchar ris a’ chaillich. “Is e, air neo am bothan a’ losgadh ’na ghual, agus thusa ’na bhroinn.” “Ma’s ann mar sin, a’ mhathair,” ars esan, “is mithich domh togail orm gus na beanntan. Is fearr leabaidh fhuar an fhraoich mhil-bholtraich na rostadh ann am bothan agus i ’na lasair, mar shionnach ’na bhrocluinn.” Dh’ iarr an luchd-aitich mu’n cuairt air, aite-cleith eile ’thoirt air, no fuireach gus am faigheadh e a luths a rithisd, ach bu diomhain daibh. “Nan robh mise agus mo lan luths agam, dh’ fheighinn an so,” thubhairt Fearchar, “agus cha b’ eagal domh an uair a bhitheadh mo chlaidheamh agus mo thargaid fodham. Ma thig na ceatharnaich so, is e am beatha mo beatha-sa gu deachdta, mur cuirinn triuir dhiubh fein a’ dhith. Ach is ann a tha mi cho lag ri giullan agus e a’ fas, agus mar sin bheir mi am monadh fosgarra orm gus an ruig mi Abar-fealdaidh.” “Is fada an eubh o sin agus comhair o Fhearchar Mac Sheathachain,” arsa a’ chailleach, Mona, a’ fiachainn ri a comhairle a’ sparradh air. “B’ iad ‘Oidhirp’ agus ‘Theab’ na coin bu mhiosa bha riamh aig Fionn,” ars an saighdear. “Bithidh la a’s t-fhoghar agaibh uile o Fhearchar, air son na rinn sibh air a sgath; ach tha a luchd-caidridh a’ feitheamh ris, agus feumaidh e togail air. Nach bu mhor an naire nan tugadh am Freiceadan Dubh a’ chaismeachd gu ruig machraichean nan Gall gun Fhearchar ’nan cuideachd? Ciod a dh’ eireadh am beachd Finab, a chaiptean? Agus ciod e bu bharail do na h-Abraich?” “Fan ort, prioba, clos ort fathasd,” arsa Mona. “Fan! clos! bhitheadh cnamhan m’ athar a’ toirt a’ ghlig asda gu farumach anns an uaigh, an Gleann-sil, tha fad as far an do chaochail e air sgath righ Sheumais.” “Ach an rabhadh so dhuit, Fhearchair, air eagal gu’m falbh thu gu cian nan cian.” “Is fhaide gu sin na gu Bealltuinn, agus is eiginn domh Aber-fealdaidh a’ thoirt orm an la sin.” An uair a chunnaic iad gu’n robh e seasmhach thubhairt cailleachan eile eatorra fein gu’n tigeadh an ‘Tarbh-choill’ air; ach ged a bha creideamh laidir aig Fearchar ann an saobh-sgeulachdan a dhuthcha, rinn e faite gaire tartarach; oir is e neul dubh a tha anns an Tarbh-choill, agus ma chithear air oidhche Shamhna e, bha e ’na shuaicheantas air aimsir stoirmeil, agus na leth-fhacal air mi-thapadh a tha dluth air tachairt. “Cha robh thu ro ghlic an uair a ghabh thu anns an arm, Fhearchair,” agus bu e sin an t-agartas mu dheireadh aca. “Cia mar?” “Cuiridh an teanga snaim nach fuasgail na fiaclain.” “Mar a rinn teanganan nam fear agaibh, na daoine bochda, an uair a phos iad sibh,” fhreagair Fearchar le deadh ghean. “Na bitheadh eagal oirbh do’m thaobh; mu ’s leagh an sneachd air Beinn Neimheis, agus mu ’s tig lus leth-an-t-samhraidh fo bhlath air Caisteal Dubh Inbher-lochaidh, bithidh mi maille ribh uair eile.” Thog e a bhreacan air, chuir e a thargaid air a ghualainn le seogan, agus ghairm e air Bran, cu na ceist, le fead, agus chuir e aghaidh air a thurus. Ghabh e an rathad a bu ghiorra, timchioll cas Bheinn-neimheis gu ceann Loch Liobhainn troimh Larach mor, agus na beanntan domhainn a tha ’sineadh gu Bruthaichean Rannoich, agus b’ e sin an turus fada, fasail, cunnartach, ach cha b’ eagal dad da, agus a chu athach na dhion, a chlaidheamh agus a dhagachan ’na fhochair, a bhreacan gu a chomhdachadh; agus b’e am fraoch a bu leabaidh da, ge b’e aite anns an stadadh e. Bha a chu dileas Bran air comh-leabaidh ris o’n a bha e ’na chuilean; bu tric leis cadal am breacan a mhaighstir agus bu mhordhalach an samhladh e air an t-seann mhialchu Albannach d’ am bu bheus anns na bliadhnachan a dh’ aom an ruaig a’ chur air an tarbh bhan (ainmhidh nach ’eil a nis an lathair) air an fhaol-chu agus air an fhiadh. Bu shinnsear a leithid ud de chu do’n fheadhainn a tha againn an diugh, ged nach ’eil a shliochd cho treun ris; ach bha am fear so cho mor, cho laidir agus cho misneachail, agus gu’m beireadh e air an fhiadh bu luaithe ceum; ’ga leagail gus an lar; gu dearbh, anns an t-sabaid deireannaich chaidh chuir leis na ceatharnaich, rinn e beatha Fhearchair a’ theasraiginn le reubadh as a’ cheile a’ dheanamh air a mheirleach a bha dol an sas ann am Fearchar gu cuir as da. Bha e ’na chu mollach, glas; bha feithean a luirgnean mar thoinntein an iaruinn; bu leathann, domhain a chliabh; agus a shuilean dealrach mar an iolair. Is tric leis a leithid de chu aite ard ’fhaotainn anns na sgeoil Ghaidhealaich. B’ ainmeil an gliocas agus an gradh a bha aca do ’m maighstirean, agus bu chomharradh air bas agus bu mhanadh air bron an ulfhartaich, throm, mhuladach aca a’ reir beachd nan seann daoine. Bha Bran agus a mhaighstir riamh le cheile. Shaoil le Fearchar gu ’n robh e os cionn luach an am seilge, agus an deigh da gabhail anns an Fhreiceadan Dubh, bha Bran an comhnuidh cuideachd ris an uair a bhitheadh esan ’na chaithris, agus bha a chuid fein aige de gach dleasnas, agus b’ abhaist do Fhearchar a’ radh “gu’m b’ fhearr cluasan Bhrain, na cluasan an reiseimeid uile gu leir.” Bha a ghrian air dol fodha, roimh daibh an clachan beag uaine ’fhagail, agus bha buinn nam beann cro-dhearg a’ fas dorch, ged a bha am mullaichean soilleir fathasd le dealradh na greine. Air eagal feadhainn de’n bhuidheann chreachaich a bha air a thoir a bhith an lathair, a’ toirt sula air, agus a’ sgrudadh gach ceum de a choiseachd, o chulthaobh creige no bad-rainnich, lean e ri uine rathad araidh a sheol do ’n iar e, gus an do thainig beul an anamoich agus na h-oidhche air, leis an deach a chleith air an t-saoghal uile; an sin, thug e fein suil uaithe gu furachair faicilleach, cleas an deagh shealgaire, agus bhuail e gun tuilleadh dalach air seann rathad nan treudairean agus na Féinne, duinte air gach taobh o’n t-saoghal am mach, agus sinte an gleann domhain Coire-choille gu ruig bearna stacach, sturrach Glinne Comhainn. Dh’ eirich Beinn Neibheis no Beinn Neimh air a laimh chli, gu h-uaibhreach, aibhseach, iongantach, ged nach robh ann dith ach a mullach ri ’fhaicinn, faisg air na reultan, ’na shamhladh air siorruidheachd, comhdaichte le sneachd geal, bith-bhuain. Air a laimh dheis gleanntan domhainn a’ meunanaich eadar monaidhean tomadach, a dh’eirich ’nam meallan athach air muin a cheile, an sliosan air an sgoltadh leis na ceudan uillt; torran garbha chreagan, ’nan sreathan agus ’nam bannalan breacadh nan sliosan sin; agus mar fhraoidhneasan orra sin, duilleagan dosrach, iteagach an rainnich agus a’ chonnaisg dhuibh; no duin chlach, grabach, cabach, nach deach a’ shuidheachadh riamh le lamhan duine, agus a choltas air gach ni gu’m b’ ann do shaoghal eile iad. Fa chomhair Fhearchair, bha fasach Larachmor, ag leagail ris greadnachais aonaranaich, far an d’ thugadh dealrachadh loinnreach nan reultan air gach cumadh anns an duthaich, air gach preas critheanach no craoibh dhuilleagaich, air gach lom-chreig agus garbh-charraig a thilgeadh sios leis na siantan, a’ bhith aogaidh, taibhseil, gruamach; agus bha gach caochan bras a’ leumadh ’na amar gu h-uaigneach, dubharach, eadar na toman-fraoich dosach, toipeanach agus gach duilleag a cur cagair ann an cluais an dara duilleig, cagar a bu diomhair, do-thuigsinneach. Dheargadh so air cail agus air inntinn duine sam bith, agus gu sonruichte air inntinn Gaidheil; oir bheireadh loiseam dithreabhach, agus morachd uamhasach an aite sin, allsga agus suaimhneas air aoradh duine, an am an dubh-thrath. Cha robh a’ ghealach ann. Neoil mhora, dhoilleir a’ siubhail an speur ag folach nan reultan air an turusaiche agus a cuir an tuilleadh doilleireachd air aisridh Fhearchair. Shaoilear gu ’n robh an cu fein fo oillt an ionaid ud, agus e a’ gluasad gu stolda, dluth ri sailtean a mhaighstir. [TD 251] [Vol. 7. No. 32. p. 3] Cha robh a cuir air smaointean Fhearchair re na h-uine so ach na ceatharnaich fhuilteach, leis am bu mhiann aig an am dioghaltas air fein agus air an Fhreiceadan Dubh a’ thoirt am mach gun iochd, gun truas; ach mar a b’ fhaide a tharruing e uapa agus o thaobh Loch Lochaidh agus Loch-ial, far am b’ abhaist daibh comhnuidh, bhuail rudan eile air a smaointean a bha buailteach a cheana do gach saobh-chreideamh; agus bha na sgeoil fhiadhaich a’ thaobh an dearbh aite dhiomhair sin a bha e a’ siubhal, a’ tighinn an lionmhorachd ’na mheamhair agus ’na chuimhne, gus am b’ fhearr leis-san, Fearchar Mac Sheathachain, ’aghaidh a’ thoirt air balla ghunnachan mora no air sia daoine eile agus an claidheimh ’nan lamhan, na bhith ’na aonar anns a’ bheinn far an cuireadh eadhon buaileadh calltuinn agus cuilionn ri ’cheile, an t-eagal air. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XIX. Cha robh mi ’n duil an toiseach gu’n robh mi air mo ghortachadh cho dona, agus air an aobhar sin ghrad dh’ eirich mi, agus thug mi oidhirp air falbh a sealladh an t-sluaigh cho luath ’s a b’ urrainn mi. Bha ’n sluagh a’ deanamh ceol-spors dhiom, agus air ghaol faighinn as an sealladh cho luath ’s a b’ urrainn mi, thilg mi lan no dha mo laimhe a dh’ or ’s a dh’ airgiod air an t-sraid, agus fhad ’s a bha iad ’g a chruinneachadh, fhuair mi cothrom teicheadh as am fianuis. Ach lean am borobair gu dluth air mo shail, agus e ’sior ghlaodhaich, “Dean air do shocair, a dhuine; c’ar son a tha thu ’ruith cho luath? Nam biodh fhios agad air cho craidhteach ’sa tha mo chridhe air son an droch dhiol a rinn am breitheamh ort—thusa ’tha cho fialaidh, agus a chuir comain mhor ormsa, agus air mo chairdean! Nach math a thuirt mise riut, gu’n cuireadh tu do bheatha ann an cunnart, an uair a bha thu cho rag ’s nach leigeadh tu leamsa falbh comhladh riut? Tha thu nis a’ faicinn mar a dh’eirich dhut, a chionn nach gabhadh tu mo chomhairle-sa. Agus mur b’ e gu’n do chuir mise romham do leantuinn a dh’ fhaicinn c’aite an robh thu ’dol, cha ’n eil fhios ciod a bha air eiridh dhut. Caite am bheil thu ’dol? Stad rium.” Bha ’m borobair a’ falbh ’nam dheigh o shraid gu sraid, agus e ’sior ghlaodhaich air an doigh ud. Cha ’n fhoghnadh leis am masladh a thug e orm aig taigh a’ bhreithimh, ach dh’ fheumadh e aire muinntir a’ bhaile a tharruinn g’ am ionnsuidh. Bha mi aig an am ’na leithid a dh’ fheirg ’s gur gann nach deachaidh mi ’na dhail gus an sgian a chur air an sgornan aige. Ach o’n a bha fhios agam gu’n cuireadh so an dunaigh mu m’ cheann gu buileach, ghabh mi doigh eile air faighinn as a luib. Thug mi an aire gu’n robh moran sluaigh ag amharc am mach air na dorsan ’s air na h-uinneagan an uair a bha iad ’ga chluinntinn-san a’ glaodhaich ’nam dheigh; agus chaidh mi steach do thaigh-osda. B’ aithne dhomh fear an taigh osda gu math, agus ghuidh mi air gu durachdach gun an duine caothaich ud a leigeadh a steach ’nam dheigh. Gheall e gu ’n deanadh e sid, agus sheas e ri ’ghealladh. Ach fhuair e dragh gu leor a’ cumail a’ bhorobair am muigh; oir bha e ’cur roimhe gu’n rachadh e steach a h-uile cor. An uair a chunnaic e nach fhaigheadh e steach, chain agus smad e fear an taigh osda thun a bhrogan. Cha robh duine ’thachradh ris, nach seasadh e ’bhruidhinn ris, agus a dh’ innseadh dha am feum mor a rinn e dhomhsa. Ach bha mise gle thoilichte aon uair ’s gu’n d’ fhuair mi as mo luib e. Ghuidh fear an taigh osda orm gu’n innsinn dha na driodartan a thachair dhomh; agus dh’ innis mi dha gu saor gach ni mar a thachair dhomh. Dh’ iarr mi air seomraichean a thoirt dhomh anns am bithinn a’ fuireach gus an rachainn am feobhas. “B’ fhear dhuit,” ars’ esan, “a dhol dhachaidh do d’ thaigh fhein. Bhiodh tu moran na b’ fhearr frithealadh agus aire na bhios tu an so.” “Cha teid mi dhachaidh idir,” arsa mise; “bidh am borobair mollaicht’ ud a latha ’s a dh’ oidhche ’ga chur fhein a staigh orm; agus cuiridh a chuid boilich is mi-mhodh am bas orm. A thuilleadh air so, an deigh na thachair dhomh an diugh, tha mi ’cur romham gu’m falbh mi as a’ bhaile gun moran dalach. Feumaidh mi dhol far an treoraich an cruaidh-fhortan mi.” Cho luath ’s a chaidh mo chas am feobhas, thug mi mo chuid dhe’n t-saoghal do m’ chairdean, ach na bha mi saoilsinn a bhiodh feumail dhomh air son mo thuruis. Dh’ fhalbh mi a Bagdad, agus thainig mi an so. Bha mi ’gam dheanamh fhein cinnteach nach tachradh am borobair mollaichte so rium ann an aite cho fad air falbh o m’ dhuthaich fhein; agus an deigh a h-uile rud, tha e an so ’n ’ur cuideachd-se. Na biodh ioghnadh oirbh ged a tha cabhag orm gu falbh. Tha e furasda gu leor dhuibh a thuigsinn, gur e sealladh gle neo-thaitneach leam a ghnuis fhaicinn. Is e bu mhathair-aobhair air mi bhith crubach, agus a bhith cho fada air falbh o m’ dhuthaich agus o m’ chairdean. Au uair a labhair e na briathran so dh’ eirich e, agus ghabh e mach as an taigh. Lean fear an taighe e thun a’ gheata, agus dh’ innis e dha gu’n robh dorran air a chionn mar a thachair. An uair a dh’ fhalbh an duine og (thuirt an taillear ’s e ’dol air aghart leis an naigheachd) bha an naigheachd a dh’ innis e dhuinn a’ cur ioghnaidh gu leor oirnn. Agus thionndaidh sinn ris a bhorobair agus thuirt sinn ris gu’n robh e gu mor ri choireachadh, ma bha an naigheachd a chuala sinn fior. “A dhaoine uaisle,” ars’ esan ’se ’togail a chinn, “bha mi gu buileach ’nam thosd am feadh ’s a bha an duine og a’ labhairt, agus uaithe sin faodaidh sibh a thuigsinn nach do labhair e facal ach an fhirinn. Ach a dh’ aindeoin na thubhairt e, tha mi ’cumail am mach gu’m bu ghnothach ceart dhomh deanamh mar a rinn mi. Faodaidh sibh fhein breith a thoirt air a chuis. Nach do chuir e e-fhein ann an cunnart, agus an robh e ’n comas dha tighinn as cho math ’s a thainig e, gun mo chuideachadh-sa? Faodaidh e bhith toilichte gu ’n d’ fhuair e as a chunnart gun dad eile ach a chas a ghoirteachadh. Nach do chuir mise mi-fhein ann an cunnart moran na bu mho, a chum easan a thoirt am mach as an taigh, an uair a shaoil leam gu’n robh iad a’ deanamh droch dhiol air? Am bheil aobhar sam bith aige air a bhi ’gearain orm, agus gam chaineadh? Sin na bheil aig neach air son a bhith ’deanamh cuideachaidh le daoine neo-thaingeil. Tha e’ fagail ormsa gu’m bheil mi bith-bhriathrach. Cha ’n ’eil an fhirinn aige. Tha sinn ann seachdnar bhraithrean, agus is mise am fear a’s lugha aig am bheil ri radh, agus a’s mo tuigse dhe’n t-seachdnar. Agus gus so a dhearbhadh dhuibh, a dhaoine uaisle, foghnaidh dhomh m’ eachdraidh fhein, agus an eachdraidh-san innseadh dhuibh. Eisdibh gu foigidneach rium, tha mi ’guidhe oirbh.” Ri linn an righ Bilih, a bha cho ainmeil air son cho filaidh ’s a bha e ris na daoine bochda, bha deichnear mheirleach a’ tathaich nan rathaidean mora a bha faisge air Bagdad, agus bha iad fad uine mhor ri spuinneadh agus ri foirneart anabarrach mor. An uair a thainig na cuisean so gu cluasan an righ, chuir e fios air an ard-bheritheamh, agus thuirt e ris, gu’m feumadh e an toirt uile ’na lathair an ’ceann deich latha. Chuir am breitheamh moran dhaoine air an toir, agus chaidh an glacadh uile air an latha ainmichte. Bha mise ’coiseachd air bruaich na h-aimhne, agus chunnaic mi deichnear dhaoine ann an eideadh riomhach a’ dol do bhata. Dh’ fhaodainn aithneachadh gur e robairean a bh’ annta nan tug mi an aire gu’n robh freiceadan maille riutha. Ach o nach robh mi ach a’ gabhail beachd air an deichnear air an robh an t-aodach riomhach agus mi’n duil gur ann a chur seachad na feusd bhliadhnail le subhachas a bha iad a’ dol, chaidh mi do’n bhata maille riutha gun aon fhacal a radh, an duil gu’n leigeadh iad dhomh a bhith ’nan cuideachd aig a’ chuirm. Chaidh sinn sios an amhainn, gus an d’rainig sinn mu choinneamh luchairt an righ, far an deachaidh sinn air tir. Sin an uair a thuig mise am mearachd mor a rinn mi, agus a thuig mi co ’chuideachd anns an robh mi. Cha bu luaithe chaidh sinn air tir na ghrad bha sinn air ar cuairteachadh le buidheann ur de sheirbhisich a’ bhreithimh. Cheangail iad sinn uile, agus thug iad leotha sinn an lathair an righ. Cha dubhairt mise aon fhacal riutha an uair a bha iad ’gam cheangal; oir cha robh e’ chum math sam bith dhomh facal a radh, no teannadh ri cur ’nan aghaidh. Cha bhiodh agam air a shon ach gu’n deanadh iad droch dhiol orm; oir bha fhios agam nach eisdeadh iad ri aon fhacal a theirinn. Cha robh annta ach daoine gun iochd gun truas nach eisdeadh ri reusan. Fhuair iad mi comhladh ris na robairean, agus bha iad a’ creidsinn gu’m bu mhi fear dhiubh. An uair a thugadh air beulaobh an righ sinn, dh’ ordaich e an ceann a thoirt bhar an deichnear robairean anns a’ mhionaid. Chuir am fear a bha gus ar cur gu bas ’nar seasamh sinn taobh ri taobh, agus gu fortanach dhomhsa bha mi air dheireadh na cuideachd. Sgath e an ceann bhar fir an deigh fir dhiubh gus an d’ rainig e mise, agus stad e. An uair a chunnaic an righ nach do chuir e an ceann dhiomsa, ghabh e fearg, agus thuirt e, “Nach d’ aithn mise dhut an deichnear a chur gu bas, agus cha do chuir thu gu bas ach na naoinear?” “A cheannaird nan creidmheach,” ars’ esan, “gu ’n gleidheadh am freasdal mise o eas-umhlachd a thoirt do bhur n-aithne. Tha deich cuirp agus deich cinn an so; faodaidh sibh fhein an cunntas.” An uair a chunnaic an righ gu ’n robh an deichnear marbh, sheall e ormsa le mor-ioghnadh, agus an uair a thug e an aire nach robh coltas robair air mo ghnuis thuirt e, “A sheann duine choir, cia mar a thachair dhutsa ’bhith ’measg nan daoine uamhasach ud a bha airidh air mile bas?” “A cheannaird nan creidmheach, aidichidh mi an fhirinn. Anns a’ mhaduinn an diugh chunnaic mi an deichnear so, a dh’ ordaich sibh a chur gu bas, agus iad a’ dol air bord a’ bhata. Chaidh mi air bord comhladh riutha, o’n a bha duil agam gur ann a’ dol a dh’ ionnsuidh na feisd bhliadhnail a bha iad.” Cha b’ urrainn an righ cumail air a ghaire, an uair a chual’ e mar a thachair dhomh a bhith ann am measg nam meirleach. An aite bhith ’faighinn beum dhomh air son a bhith tuilleadh is briathrach, mar a bha am fear crubach so a’ deanamh, is ann a bha e ro thoilichte dhiom, a chionn cho glic ’sa bha mi, agus cho faicleach ’s a bha mi air mo theangaidh. “A Cheannaird nan creidmheach,” arsa mise, “cha ruig sibh a leas ioghnadh a ghabhail ged a bha mi ’nam thosd aig an am ud, ged a bha iomadh aon ann a bhiodh gle dheas gu bruidhinn. Tha mi ’cur romham an comhnuidh nach abair mi a’ bheag, agus air an aobhar sin, is e an Tosdach a theirear rium. Is e so an dealachadh a’s mo a tha eadar mi fhein agus (Air a leantuinn air taobh 254.) [TD 252] [Vol. 7. No. 32. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 3, 1899. NA CEILTICH. Tha dochas laidir agam a nis gu bi luchd-leughaidh MHIC-TALLA de ’n aon bheachd leam fein, mu dheibhinn nan Gaidheal a thug, anns na linntean a tha fad as, na h-ainmean Caolas, Baile-chaolais, Caol an t-snaimh, do na h-aitean sud air am bheil sinn gle eolach. Baile ’Mhoid: is e so an t-ainm Gaidhealach airson Bute; oir, b’ abhaist, anns na bliadhnachan a chaidh seachad, Mod no Cuirt ceartais a bhi air a ghleidheadh anns a’ bhaile so. Is e Mod an t-ainm brioghmhor, uasal, urramach a tha air a thabhairt do na chruinneachadh, a tha gach bliadhna air a dheanamh ann an cearna sonruichte de ’n Ghaidhealtachd, airson beatha nuadh agus taitneas aghmhor a thabhairt do chanain Oisein ’us nan Gaidheal, ’us do gach ceol ’us clarsach, ’us do gach buaidh oraideach, ’us do gach abhaist laghach, luachmhor a bhuineadh do shinnsirean nan Gaidheal. Aontaichidh sinn uile le MAC-TALLA ann a bhi ’g altrum an dochais gu dileas, farumach, gu dean Mod nan Gaidheal moran maith do na Ghaidhlig, ’us do na Gaidheil; agus gu fas e gach bliadhna ni ’s boidhche, ni ’s cumhachdaiche, ’s ni ’s airidh air meas ’us miagh ’us cliu. Tha mi fein car cinnteach gur iad na Gaidheil d’ am buin sinn fein a thug na h-ainmean Caol ’us Caoileas do na h-ionadan air an d’ rinn mi iomradh. Na Caoil Mhoideach: (The Kyles of Bute) is ann air an doigh so ’tha an t-ainm so ri bhi air a’ sgriobhadh; oir is ann bho Mhod a thainig an t-ainm air tus. Tha dochas agam gu bheil e ’nis soilleir gu leoir gu robh na Gaidheil araon lionmhor ’us comasach, ann an aoisean ciara ’n t-saoghail, ann an airde deas ’us iar-dheas na Roinn-Eòrpa; do bhrigh gu d’ fhag iad ann an ainmean iomadh cnoic ’us rois ’us aird ’us maoil ’us caoil ’us sruith ’us loch ’us fuarain, cuimhneachain sheasmhach agus fhonnmhor orra fein agus air a’ Ghaidhlig a labhair iad. Tha ’m focal Dobhair a’ ciallachadh uisge, no oir dùthcha. Is e ’n seadh mu dheireadh a’s fhearr a fhreagras do Dhobhair, a tha ri taobh no air bruaich a’ Chaolais Shasunnaich. Is e Aristotle, am feallsaimh geur ’us treun-inntinneach Greugach,—a bha ’n a fhear-teagaisg do ’n ghaisgeach churanta, Alasdair Mor—a rinn a’ cheud iomradh air na h-Eileanan Breatunnach. Tha e ’sgriobhadh air an doigh so: “An taobh a mach Carraighean Herculeis tha ’n cuan a’ siubhal timchioll na talmhainn; agus ann, tha da eilean anabarrach mor, ris an goirear na h-Eileanan Breatunnach, Albainn agus Ierne, (Eirionn) a tha air an suidheachadh air taobh thall nan Ceilteach (Celter).” Ged tha ’n Greugach a’ deanamh fein de ’n ainm Breatunnach, tha e ’tabhairt an ainm Albion no Albainn do na rioghachdan air am bheil sinn gle eolach leis an ainm a bhuineas doibh—Sasunn agus Albainn. Chi sinn gu furasda mata, gu robh an Greugach foghluimte ’creidsinn, leis an t-solus a bha aige, gu robh aon rioghachd air a chiallachadh leis an ainm Albion; agus mar so gu robh Sasunn agus Albainn a’ faotainn an ainm cheudna. Tha Plinidh, eachdaire glic Romanach, ag radh, gur e Albion a b’ ainm do ’n dùthaich fharsuing, air am bheil aithne againn mar Shasunn agus Albainn, am feadh a bha na h-eileanan uile ’giulan an ainm Breatunnach. Tha Stephanus, aig an robh a dhachaidh far am bheil baile mor nan Turcach, a’ sgriobhadh gu bheil an t-eilean Albion an diugh air ainmeachadh Breatunn, bho na creagan geala ’tha ’n cuan a’ glanadh agus a’ luasgadh m’a thimchioll. Thainig Iulius Ceasar ann an dluths sonruichte air iomadh doigh leis na seana Bhreatunnaich. Is e Romanach comasach, lamhach a bha ann; agus is ann da fein a b’ aithne buaidh fhaotainn air daoine garbh ’us seimh, air fineachan lionmhor agus tearc, ann an stri fuileachdach nan lann ’us nan clogaidean. Sgriobhadh e Ladiunn gu pongail, fileanta; ’s gus an latha ’n diugh tha moram urram air a charamh air gach leabhar a chur e ann an uidheam. Anns an leabhar a sgriobh e mu chogadh nan Gaul, (De Bello Gallico) tha e ’g innseadh dhuinn gu robh meadhon Bhreatunn air aiteachadh le sluagh a bha, mar bha daoine ’creidsinn, o thus anns an eilean, no bho aimsir fad air chul. B’e beachd Cheasair gu robh oirean Bhreatuinn air aiteachadh le daoine ’thainig bho Bhelgium—daoine ’thainig a nall air sgath cobhartaich, agus a shuidhich iad fein anns an tir. “An aite airgid tha na Breatunnaich a’ deanamh feum de umha agus de iaruinn. Tha staoin air ’fhaotainn ann an cridhe na dùthcha. Tha iaruinn air ’fhaotainn air na h-oirean. Tha ’n t-aileadh ni ’s blaithe na aileadh na Frainge. Cha ’n ’eil am fuachd co dian agus co cruaidh. Is iad luchd-aiteachaidh Chantuin a’s modha suairceas, ’us modhalachd ’us tuigse. Cha ’n ’eil ach eadar-dhealachadh beag eadar iad fein agus na Gaidheil a tha air taobh an ear a’ Chaolais a tha eadar an Roinn-Eòrpa ’s Breatunn. Cha ’n ’eil iadsan a tha ’tuineachadh ann an cridhe na duthcha ach ain-minic a’ cur coirce. Tha iad a’ tighinn beo air bainne ’s feoil; agus tha iad g’ an sgeadachadh fein le craicinn. Tha na Breatunnaich eile ’g an dath fein le dath eiginn a tha ’tabhairt doibh snuadh gorm, agus a’ buileachadh orra colg ’us aogas a’s uamhasaiche anns a’ bhlar. Tha iad a’ leigeil do fhalt an cinn fas gu craobhach, tiugh, fada.” Is e dream cumhachdach, ealanta, eolach, iomraiteach a bha thar iomadh ginealach a’ mealtuinn ughdarrais ’us urraim ro-mhoir, a bha anns na Druidhean. Tha sgoilearan a’ cumail a mach gu d’ fhuair na daoine crabhach, seolta ’s fiosrach so, an t-ainm Druidh no Druidhean, no Draoidh no Draoidhean, bho fhocal Greugach a tha ’ciallachadh craobh dharaich; do bhrigh gu bu nos do ’n dream so ’bhi ’deanamh an gniomharan crabhach agus iongantach anns na doireachan daraich. Tha Ceasar ag innseadh dhuinn gu robh na Druidhean, am measg nan seana Bhreatunnaich, a’ gabhail curaim do nithean crabhach; agus gur ann doibhsan a bhuineadh gach aire ’s riaghladh mu na h-iobairtean diomhair ’us follaiseach a bha air an tairgseadh no air an liobhairt suas. “Is iad na Druidhean a tha ’n an ard-bhreitheimh anns gach connsachadh ’us connspoid ’us deaasboireachd diomhair ’us follaiseach; agus is ann doibhsan mar an ceudna, a bhuineas duaisean no peanasan a thabhairt seachad, a reir an deadh bheachd no ’n gliocais fein. Mur aontaich neach air bith leis a’ bhreith a bheir na Druidhean seachad, tha e air fhogradh air falbh bho na h-iobairtean, agus air an aobhar so, tha e air taobh a mach balla tiugh, laidir, diongmhalta ’n lagha. Cha ’n ’eil e mar fhiachaibh air na Druidhean cogadh a dheanamh no sleagh ’us claidheamh iomchair, no cisean a phaigheadh. Tha iad a’ teagasg gu sonruichte nach ’eil an t-anam a’ basachadh leis a’ chorp, ach gu bheil e an deigh bas a’ chuirp anns an robh e ’gabhail comhnuidh, air atharrachadh agus air a threorachach gu cuirp eile.” Is iad so ma ta, beachdan Cheasair mu Bhreatunn agus mu na fineachan a bha ’tuineachadh ann, an uair a thainig e fein agus ’fheachd do Bhreatunn, a chum ’s gu faigheadh e uachdaranachd thairis air fineachan na tire so, mar fhuair e le laimh laidir, bhuadhmhor thairis air iomadh dùthaich ’us fine eile. CONA. EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. [TD 253] [Vol. 7. No. 32. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha Parlamaid Chanada ri suidhe air an 16mh latha dhe’n mhios so. Tha sin na ’s traithe na bhatar an dùil, agus ’se ’s dòcha gu bheil an luchd-riaghlaidh air son gnothach sgiobalta dheanamh dheth air an turus so, agus gu’n sgaoil an tigh mu thoiseach an t-samhraidh. Chaochail Eachunn Mac Coinnich, ann an Eilean Christmas, air an darna latha deug dhe’n mhios a dh’ fhalbh, an deigh aois tri fichead bliadhna ’sa naodh a ruigheachd. Bha e ’na dhuine gle mheasail anns a choimhearsnach. Bu bhràthair e do’n Urr. A. Mac Coinnich, sagart Victoria Mines. Tha sinn duilich a bhi againn ri innse sgeula bàis Iain Drummond, aon mhac an Urr. D. Drummond, ministear an Eilean Mhoir, a chaochail ’sa mhaduinn Di-haoine s’a chaidh. Bha e tinn o chionn treis mhath a dh’ ùine. Tha co-fhaireachdain nan càirdean uile aig ’athair ’s aig a mhàthair, a tha air am fiosrachadh cho goirt. Chaochail am Morair Herschell, ball de ’n chomhairle a bha ceartachadh chùisean eadar Breatunn agus na Stàitean, ann an New York ’sa mhaduinn Di ciaduin s’a chaidh. O chionn beagan sheachdainean air ais, thuit e air cabhsair na sràide, agus ’se ’n goirteachadh a fhuair e leis an leagadh sin a thug a thinneas agus a dh’ aobharaich a bhas. Bha coinneamh aig muinntir a bhaile Di-luain air son fhaighinn a mach an robh iad deònach criochan a bhaile a mheudachadh leis an t-International Pier agus pàirt de ’n sgireachd air taobh thall Muggah’s Creek, a ghabhail a stigh. Dh’ aontaicheadh sin a dheanamh ’nuair a thigeadh na h-obraiuhean iaruinn, ni nach eil gle fhad air falbh a nise, mur eil daoine air am mealladh. Thainig Rudyard Kipling, an bàrd Sasunnach air am bheil ainm mor air feadh an t-saoghail aig an àm so, do New York o chionn seachdain no dha air ais, agus toil aige cuairt ghoirid a chur air na Stàitean agus Canada. Mu’n gann a rainig e, dh’ fhàs e tinn, agus bha eagal air na lighichean aon uair nach rachadh e am feabhas, ach o chionn latha no dha tha e dol na ’s fhearr, agus tha dùil ri e bhith cho slàn ’sa b’ àbhaist dha an ùine ghoirid. Tha muinntir Shidni a nise gu math cinnteach as an obair-iaruinn. Tha e coltach gu bheil a chuideachd a dol a dh’ obair an ùine gun bhith fada, agus tha h-uile coltas air gur ann an Sidni a bhitheas iad. Tha cuid de na daoine aig am bheil fearainn far am bheil an obair gu bhith, an dùil ri fortan a dheanamh air. Ma ’s fior gach sgeul, tha aon duine, ’na bharail fhéin, a dol a dheanamh suas ri deich mile fichead dolair air na tha dh’ fhearann aige ri chreic. Ach cha bu toigh leinn geall mor a chur gu ’m faigheadh e ’n uiread sin. Fhuair sinn air an t-seachdain so paipeir d’ an ainm La Lucha, a thatar a cur a mach ann a Havana, an Cuba. Tha aon taobh duilleig dheth ann am Beurla, agus cóig taobhannan ann an cainnt na Spainne. Tha sinn dhe’n bharail gur ann o’n thòisich an cogadh a chaidh an taobh Beurla chur ris, air son gu’n tuigeadh na Geancaich e. Tha sinn a thoirt fanear nach eil an litir “w” ach gan ri faicinn idir anns a phaipeir, agus gu bheilear a toirt air “vv” an gnothuch a dheanamh ’na h-aite. Tha an clò gu math garbh, agus tha am paipear gle ao-coltach ri paipearan na dùthcha so. Tha La Lucha gu math fada an aghaidh nan Spàinnteach. Chuireadh am paipear ugainn le Stephen Griffin, Eirionnach còir a tha ’na shaighdear ann am “Battery L, 2nd Artillery,” ann a Havana. Tha sinn gu mor ’na chomain air a shon. Chaochail am Breatheamh Domhnullach ann an Antigonish, Di-màirt s’a chaidh. Bha eòlas math air ann an Ceap Breatunn, agus bidh mòran duilich sgeul a bhàis fhaotainn. Chaidh fear Iain Mac Neill, a mhuinntir an eilean so, a mharbhadh ann an Aberdeen, an stàit Washington, o chionn ghoirid. Bha e ’g obair air bord soithich, agus chaidh a bhualadh ’sa cheann le maide a thuit air. Cha robh ann ach duine òg, mac do Iain Mac Neill, ann an Sidni Tuath. Chaidh Laura Nic-a-Phearsain, nighean a mhuinntir Eilean a Phrionnsa, a mhùchadh le gas ann am Boston, air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuaireadh i marbh anns an leabaidh ’sa mhaduinn Dior-daoin. Cha ’n eil ach ùine ghoirid o’n dh’ fhàg i an t-Eilean; bha i ceithir bliadhna fichead a dh’ aois. Tha am buntàta gle ghann an Ceap Breatunn air a gheamhradh so, agus tha pris gle àrd air; ann an àiteachan thatar ’ga chreic cho ard ri 85c am buiseal. Rinn an t-side reòta a bh’ ann air a mhios a dh’ fhalbh call nach bu bheag air; fhuair an reothadh do na seilearan, agus mhill e roinn mhath dheth. Cha bhi aig moran de na thuathanaich de’m buntàta fhéin na dh’ fheumas iad air son na curachd toiseach an t-samhraidh. Chaidh nighean òg ann an Ceap Mabou, Mairi, nighean Sheumais Mhic Aonghais, a reothadh gu bàs faisg air a dachaidh a sheachdain gus an Di-luain s’a chaidh. Dh’ fhalbh i ’sa mhaduinn air cheann gnothuich gu tigh coimhearsnaich a tha mu mhile o thigh a h-athar, agus ’nuair a bha i ’tilleadh mu bheul na h-oidhche, bha an stoirm cho dona ’s gu’n do chaill i an rathad, ’s gu’n d’ thug i suas. Fhuaireadh a corp reòta gle fhaisg air a dachaidh ’sa mhaduinn an la-iar-na-mhàireach. Chaidh an tigh aig fear Uisdean Friseal ann an Antigonish, ’na theine Di-màirt s’a chaidh, agus bha seana bhoirionnach, ban-Fhrisealach, air a losgadh gu bàs ann. Thòisich an teine, a reir coltais, anns an t-seòmar anns an robh ise, agus bha e ’n deigh faighinn air adhart gu math mu d’ thugadh an aire dha le muinntir an taighe. Chaidh gach dichioll a dheanamh air a sàbhaladh, ach mu’n d’ fhuaireadh an teine chasg, bha i air a losgadh gu bàs. Bha i tri ficheadh bliadhna dh’ aois. Fhuair an soitheach-smuide “Stanley,” a tha ruith eadar Eilean a Phrionnsa agus tir-mor, tàire nach bu bheag leis an deigh air a gheamhradh so. Air a mhios a dh’ fhalbh, bha i aon turus fad shia latha deug anns an deigh gun chomas port a dheanamh. Bha aireamh mhath de luchd-turuis air bòrd, ach bha iad uile gu math a ruigheachd tire. Cha d’ rinneadh milleadh sam bith air an t-soitheach fhéin; tha i air a deanamh cho làidir ’s nach dearg an deigh air a cliathaichean, ged a chuireas i stad oirre. Tha tiormachd uamhasach aca ann an Australia aig an àm so, agus tha call mor air dheamamh leis. Cha’n eil uisge ri fhaotainn idir ann am moran àiteachan, tha am feur air tiormachadh, agus tha an crodh ’s na caorach a bàsachadh ’nan ceudan. Tha e cunnartach ann an iomadh àite, gu ’m bi tinneas air aobharachadh leis na tha de chraslaichean a grodadh air an talamh, ’s gun fhios aig daoine gu de ni iad riutha. Ann an New Guinea, eilean mór a tha beagan cheudan mile tuath air Australia, bha stoirmeannan ann a rinn call eagalach air beatha agus air cuid dhaoine. Bha mu fhichead soitheach air am bristeadh, ’s air an call gu buileach. Tha so ag innse gu bheil side dhoirbh aca ann an ceann eile ’n t-saoghail, side leis nach robh sinn air ar fiosrachadh riamh anns an dùthaich so, ged a bhios sinn uaireannan ri gearain gu leòr oirre. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 254] [Vol. 7. No. 32. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 251.) mo shianar bhraithrean. Is e meud mo ghliocais a tha ’toirt orm a bhith tosdach mar so; agus a dh’ aon fhacal, is anns an aon subhailc so a tha mo chliu agus mo shonas a’ co-sheasamh.” Bha mo bhràithrean gle ao-coltach riumsa. Bha h-uile fear dhiubh anabarrach briathrach; a bharrachd air sin bha iad ao-coltach rium ann am pearsa. Bha a cheud fhear crotach, bha an darra fear gun fhiacail ’na cheann, bha an treas fear cam, bha an ceathramh fear dall, bha an coigeamh fear a dhith nan cluasan, agus bha milleadh-maighich air an t-siathamh fear. Is iomadh ni iongantach a thachair dhaibh, agus tha fhios agam gu ’n taitneadh an eachdraidh ribh na ’n cuireadh sibh a dh’ urram ormsa ’s gu ’n eisdeadh sibh rium ga h-innse. LITIR A CEAP NOR. A CHARAID,—Tha ’n t-àm air tighinn anns an eiginn dhomh teannadh ri aon litir eile ’sgriobhadh gu MAC-TALLA. ’S math leam gu bheil agam ri innseadh gu bheil tri seachdainnean air ruith seachad o nach robh aon chàs de ’n amhaich ghoirt anns an àite, ged tha aobhar eagail gu ’m faod i eirigh as ùr uair sam bith. Ged bha doimhne mhath shneachd’ againn o chionn mhios air ais, thàinig aiteamh no dha uaithe sin a thug a leithid a dhrileadh dha ’s gu bheil e tana gu leor air an talamh. An deigh na h-aiteamh mu dheireadh fhuair sinn ochd là deug de shìde gle reota, agus sin gun lasachadh sam bith gus a’ mhaduinn an de. Cha ’n fhaca mi fhein an àireamh ud de laithean reota as ceann a cheile o ’s cuimhne leam. A nise, o nach ’eil dad a naigheachdan annasach agam aig an àm so, ’s ann a’s fheudar dhomh an còmhradh a leanas, a bha eadar dithis de Gháidheil an àite so o sgriobh mi roimhe, a chur a d’ ionnsuidh. Bha Murchadh le each ’us sleighe air a thurus gu stòr Iain Dhomhnullaich, agus a dlùthachadh ri ’cheann-uidhe, ’n uair a mhothaich e each ’us sleighe a tigh’n ’na choinneamh. Bha ’n oidhch’ air tuiteam, agus coille air gach taobh de ’n rathad; agus ged bha ghealach air eiridh, cha robh fios aige co bh’ aige gus an cual’ e guth bhàrr na sleighe ag radh, voa here. Air ball thuirt Murchadh, an e F—i a th’ ann? F.—’S e F—i a th’ ann, ’s mi air tilleadh á—á muileann Dhonnchaidh le mo chuid eòrna, ’s e air diùltadh a bhleth air mo shon. Mur.—Cha ’n fhaod e bhi. F.—Faodaidh e bhi. Nach ’eil mi ’n deigh mo chuid eòrna ’thoirt air ais, agus fhàgail aig stòr Sheoni. Mur.—O, well, ’s dòcha nach bi call sam bith agad dheth mar sin, ma tha Seoni ’g a cheannach uait. F.—Cha ’n ’eil, cha ’n ’eil! ach dh’ fhag mi ’n sid e a chionn na ròidean a bhi cho dona, agus m’ each cho sgìth, ’s cha ’n ’eil fhios agam de ni mi ris. Nach ’eil thu fhein am barail gur h-olc a bhuin am muillear rium, le bleth a dhiùltadh dhomh. Mur.—’S ann a tha sinn ri breth a thoirt air a reir an doigh ’san d’ rinn se e. F.—Rinn air son vengeance, a chionn gu ’n do bhòt mi ’na aghaidh. Mur.—Cha ’n ’eil e ’diultadh bleth do neach sam bith ach dhaibhsan a thug an car as—a gheall bhòtadh leis; ach an aite seasamh ri ’n gealladh, a bhòt ’n a aghaidh. F.—Cha do gheall mise mo bhòt riamh dha. Mur.—Cha chuala mis’ e ’g radh gu ’n do gheall; ach leis an doigh sheanachais a chleachd thu ris thug thu air a bhi làn chinnteach aisde. F.—Tha mi creidsinn gu ’n robh e ’n dùil rithe gu dearbh; ach ’s urrainn mise radh leis an fhirinn, ged bhòt mi ’n a aghaidh, gu ’n robh e gle dhuilich leam sin a dheanamh; agus dh’ fhaighnich mi dheth an diugh an robh e fhein an duil nach b’ esan duine bu docha leamsa na Murchadh Mor, ged ’s ann le Murchadh a bhòt mi. Thuirt mi ris mar an ceudna, ma bhuin mise gu h-olc ris-san, gu ’n robh a nis cothrom aige-san air math a dheanamh dhomhsa ’an aghaidh an uilc—mar sin a’ carnadh éilean teine air mo cheann. Cha deanainn-sa airsan mar a rinn esan ormsa, agus cha mhodha a dheanadh tusa a leithid sid orm, a Mhurchaidh. Mur.—Cha ’n ’eil fios agam. F.—Sin agad a nis, cha ’n ’eil fios agad. Mur.—Nach cuimhne leat cia cho tric ’s a dh’ àicheadh Peadar a Mhaighstir, ged bha e beagan roimhe sin gu fein-earbsach ag radh, ged threigeadh na h-uile e nach treigeadh esan e; ’s mar sin cha ’n ’eil fios agamsa no agadsa ciod an t-olc a dh’ fhaodadh sinn a dheanamh. F.—Cha deanadh, cha deanadh. Mur.—Am bheil Seoni ’s an stòr fathast; saoil am beir mi air. F.—Bha, ’n uair dh’ fhàg mise. ’S docha gu ’m beir. Mur.—(ris an each) Get on. F.—(ri ’each fhein) Come up. Mar so dhealaich iad F—faodaidh e bhi—a cur roimhe gu ’n deanadh esan ris a’ mhuillear mar bha e ’teagasg do ’n mhuillear deanamh ris fein. ’S fearr dhomh sgur mu ’m bi mo litir ro fhada. M. D. Ceap Nòr, Feb. 15, ’99. MCKINLEY. Tha fiosrachadh a dhith orm a thaobh Jacob McKinley agus a shinnsìrean. Bha e fuireach ann am Pennsylvania, agus bha e ’na shaighdear anns a chogadh leis an d’ fhuair na Stàitean an saorsa o Bhreatunn. Phos e Elizabeth Gilbeem, a Maryland. Chaidh e air imrig do Nova Scotia ’sa bhliadhna 1782, far an robh e a togail shoithichean. Bu mhath leam fios fhaotainn air ainmean agus aitean-còmhnuidh a chuid sin de ’shliochd a tha de’n t-sloinneadh Mc Kinley. EDWARD A. CLAYPOOL, Genealogist, 219 Dearborn Ave. Chicago, U. S. A. An aite spiorad an eagail agus na geilt a bhith ’na chomharradh air fìor dhiadhachd, is ann a tha e ’na dhearbhadh, nach ’eil daoine a’ cur am muinighin ann an Dia, mar a tha e ag àithneadh dhaibh. Is e am peacadh a thug an t-eagal a steach do ’n t saoghal. Cha bu luaithe a pheacaich Adhamh na thòisich e ri e fhein fhalach ’o Dhia. Tha dòchas fior agus foighidinn an comhnuidh a’ falbh làmh air làimh. Ma tha dòchas daingean againn ann an coimhlionaidh geallaidhean Dhè, biadh sìnn gu foighidneach a’ feitheamh gus am bi iad air an coimhlionadh dhuinn. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 255] [Vol. 7. No. 32. p. 7] LITIR A ONTARIO. FHIR-DEASACHAIDH,—Dh’ fhalbh an t-seana bhliadhna agus thainig a bhliadhna ùr a steach o’n sgriobh mi mu dheireadh ni sam bith a dh’ ionnsaidh MHIC-TALLA. Tha na bliadhnaichean gun tàmh a gabhail seachad; tha sinn uile fàs na ’s sinne a h-uile là; agus an uair a sheallas sinn air ais cho fad ris an àm ’san robh sinn òg, saolaidh sinn nach ’eil ann ach ùine gle bheag o’n a bha sinn ’nar cloinn bhig. Ach an uair a chunntas sinn na bliadhnaichean, feumaidh sinn aideachadh, ged is duilich leinn gabhail ris, gu ’m bheil a nis a ghrian air dol gu maith fada thairis air meadhon-la ar n-òige. Agus mar thubhairt an Salmadair, “Tha la is bliadhna dian dhol seach, cha phill air ais ni ’s mo,” agus ’s gearr gus an gearrar sinn gu goirt fo sprochd is iargain aois. Tha de nàdur am mac an duine na ’s math leis a bhi ga dheanamh féin ni ’s òige na tha e. Tha moran do na fior sheann daoine aig nach ’eil fios air àireamh na bliadhna anns an d’ rugadh iad. Nuair a dh’ fharraideas sinn dhiubh gu de cho sean ’sa tha iad, their iad, “Tha mi cho sean ri Dughall Mac Dhònuill.” “Agus gu de cho sean ’sa tha Dughall?” “The e cho sean ri Eachunn Mac Iain ’Ic Eachainn Bhàin.” “Agus gu de cho sean ’sa tha Eachunn?” “Rugadh e bliadhna no dha an deigh Challum Mhoir.” “Agus c’uin a rugadh Calum?” “Rugadh e a bhliadhna a chailleadh bata nam buanaichean.” “Agus gu de àireamh na bliadhna ’thachair an call sin a dheanamh?” “Bha e direach beagan bhliadhnaichean roimh ’n bhliadhna a ghrod am buntàta.” Agus tha fear nan ceisd cho glic a tòiseachadh ’sa tha e sgur. Tha an ùpraid a bhios daonnan mu àm na bliadhn’ ùra seachad—a taghadh luchd-dreuchd. Chaill cuid an oifig anns an robh iad agus fhuair fear eile i. Bha cruinneachadh mor ann am baile Durham an oidhche roimhe aig Comunn nan Gaidheal. Chaidh àireamh mhor as a bhaile bheag so do ’n choinneimh, agus bha iad glé thoilichte a tighinn dhachaidh an deigh na chual’ agus na chunnaic iad. Bha ’n t-side gu maith caochlaideach againn an so o’n thainig an geamhradh. Aon seachdain bhiodh againn uisge, agus an ath sheachdain bhìodh fuachd a toirt nan cluas dinn. Ach tha roinn mhor de ’n gheamhradh air a dhol seachad, tha na laithean air fàs ni ’s fhaide a nis na bha iad. Cha ’n ’eil moran ’ga dheanamh air a gheamhradh so. Tha cuid ri ceannachd, ’s cuid ri creic. Aon a buannachd agus aon eile a call; cuid tha ùpraid an t-saoghail ’gan cumail ann am burn teith ni ’s mo na leigeadh iad a leas. Tha iad coslach ris an Eirionnach a ghoid a mhuc. ’N uair bha e tighinn dhachaidh ’sa mhuc aige ann am poca, thainig stoirm mhor uisge ’s thairneanach air mu ’n d’ fhuair e dhachaidh, agus bha e air eigneachadh gus fasgadh a ghabhail ann an sabhal aon de ’nabuidhean. Shaoil an t-Eirionnach gur ann air son gu ’n ghoid e fein a mhuc a thainig an stoirm uamhasach a bha ann, agus ghlaodh e a mach, ag ràdh, “Be gorra! sid agad do mhuc; agus gu dearbh b’e ’n ùpraid e ’ga dheanamh mu uircean beag muice!” Feumaidh mi a nis a bhi sgur. Cha ’n eil mo litir cho mor ’s bu mhath leam, ach tha i mor gu leor air son na tha innte. Bidh mi a gealltuinn deanamh ni ’s fhearr an ath uair ma ’s urrainn domh. Bidh mi a nis a stad, oir ’se nochd oidhche Di-sathairne, agus cha dean e feum leantuinn tuilleadh is fada. Cluinnidh tu bhuam an ùine gun bhi fada. Is mi do charaid, IAIN MAC ’ILLEASBUIG. Priceville, Ian. 21, 1899. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. AR STOC GEAMHRAIDH. SLEIGHEACHAN. Air an deanamh leis a Chanada Carriage Co. An seòrsa ’s buaine ’s a’s fasanta a tha ’sa mhargadh. ACUINN. Lamh-dheante; an seòrsa ’s fhearr BEIN. An “Saskatchewan Buffalo.” CLUIG agus CUIPICHEAN. Dhe gach seorsa. BRATAN-EACH. Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean. Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire. A phris a’s isle. F. Falconer & Son, Sidni, C. B. MAC-TALLA. “Gu ma fada beo a’ Ghailig.” “Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.” Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais. DO DHLEASANAS. A bhi gabhail MHIC-TALLA. A bhi leughadh MHIC-TALLA. A bhi pàigheadh MHIC-TALLA. A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad. An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan. Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast. Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut. Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh. A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn. Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og. Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach DOLAR ’SA BHLIADHNA. [TD 256] [Vol. 7. No. 32. p. 8] Oran Gaoil. ’N aisling chunnaic mi ’m chadal B’fhearr gum faicinn am dhùsgadh, Thu ’bhith eadar mo ghlacaibh Ga do thatadh ga dlùth rium. Nuair a dhùisg mi ’sa mhaduinn Is nach d’ fhuaras tu agam, Thàinig deòir air mo rasgaibh Shil orr’ frasach ’s bu dlùth i. Shil orr’ frasach ’s bu dlùth i Mu ’n ghéig ùir a dh’ fhas alainn, Gura guirme do shùilean Na an drùchd air bhàrr fàsaich. Gu bheil maise ann a’ t’ ùrla Dh’ fhàg mo chridhe-sa brùite, Gus an d’ rinn i a mhùchadh ’S trom a dhrùidh i air m’ àirnean. ’S trom a dhrùidh i air m’ àirnean ’S cha ’n fheil atà ann an léigh dhomh, Ged a chluinn mi guth mànrain Cha dig gàire le éibhneas. On is duine gun stà mi Chaidh a mhilleadh le d’ ghràdh-sa, ’S e thu fein a bhith làmh-rium Dheanadh slàn mi o m’ chreuchdan. Gur h-e ’dh’ fhàgadh gun chreuchd mi Pòg no dhà o d’ bheul cùbhraidh, Gu bheil maise na feucaig’ Ann ad eudan ga ’giulan. ’S mi nach iarradh do spréidh leat Bhithinn aighearach, éibhinn, Ga do ghabhail ad léine Le toil cléir agus dùthcha. Cuid de bhuadhan na h-inghinn’ A bhith binn-fhaclach beul-dhearg, Tha de ghruaidh mar bhermillion Is cha tillear bho ’n fhéill thu. Gun do sharaich thu sinne Le do bhàcharan tioram, ’S e do ghradh ’th’ air mo mhilleadh ’S mi ri sireadh beachd-sgéil ort. Ochain, Anna ’nigh ’n Dómhnaill ’S i do dhòigh ’tha cur eud orm, Gur a binne do chòmhradh leam Na ’n smeòrach air gheugan. ’S mor gum b’ fhearrr bhith riut pòsda Na bhith thall anns an Olaint, Ged bu leamsa de dh-òr Na bha an seombar Righ Seumas. Nuair a bha mi ’san Olaint Is ’s mi thall ann am shaighdear, Gur a h-iomadh te àlainnn Le ’cuid fhàinneachan daoimein. ’Thigeadh ealamh am chomhdhail Le lan-fhuran a pòige;— ’S mor gum b’ annsa nigh ’n Domhnaill Ged nach bu bheo mi ach oidhche. Oran do Bhlakie. Rinneadh an t-òran so do Phrosessor Blackie an uair a bha tional airgeid airson a Chathair Ghàilig a steidheachadh ann an Dun-eideann. FONN Ho gur toigh, gur toigh, ’s gur toigh leam, Ho gur toigh leam fhein a Ghaidhlig, Leamsa ’s toigh an canan rioghail Dh’ ionnsaich mi aig glun mo mhathar. Gu moladh tha mi dh’ easbhuidh bruidhne, Mar isein deireadh linn a dh’ fhas mi, Is bho ’n nach d’ fhag iad sgeoid gu h-iosal, Leughaibh-sa mar dh’inns ’na baird dhuibh. Ho gur toigh, etc. Ged thuit dorchadas sa linns’ oirnn, Dhubh a mach o’n tir a h-aite, Tha mi ’n dèigh oirre san uair so, Mar tha’n t’ uan air bainne mhathar. Thainig geamhradh oirnn le domhlachd, ’S bha sinn sin foidhp air dhroch caradh, Na h-aimsir thainig aiteamh breagha, ’S thiota dh’ eirich grian is blaths oirn. O’n bu chruaidh le freasdal priseil, Sinn a dhol a dhith san annradh, Dh’ eirich gaisgeach san tir iosail, An com ’n robh cridhe tiorail Gaidheil. Tha diomhaireachd ’san fhreasdail chaomh ud Nach comasach clann daoine air aireamh, Fagaidh mise an drasd a thaobh i, Chuir i ioghnadh air righ Dài. Air leam gu’n cluinn mi ceum an uasail, Gabhail cuairt air feadh a phaipeir, Chi mi thall thu ghaisgich rioghail, Teann a nall is sin do lamh dhomh. Bha aineolas mar sgail car aois oirn, Sinn an cunnart gach saoghal aicheadh. Chum ar fuasgladh o’n an doars ud, Ghabh thu ’n Eaglais Shaor mar phatran. Cha b’ ann mar leisgein rinn thu gluasad, Nuair a fhuair thu mach mar a bha sinn, Chaidh thu dh’ obair le do bhuadhan, ’N aobhar cumail suas na Gaidhlig. Tha iad lionmhor feadh na duthcha, Tha do ionndas air grasan, A tha guidhe leat nan urnuigh, D’ oidhirp shughmhor bhi gun fhailing. Choisinn thu deadh-ghean nan uaislean ’San taobh-tuath so ’s anns gach carnaig, Fhuair thu ionndas thar nan cuaintean, Ghairm a nuadh na cainnt is aillte. Rainig tusa Bhanrigh bhuadhach, Chur an ceill ar cruas ’s ar caradh, Thug i earrann dheth a maoin dhut, Fhuair thu h’ aonta ’s tha i laidir. Thar mo sgile bha do dhichioll, Thoirt eolas gu tir nan ard-bheann, Guidheam fallainneachd is fior-rath, Do gach neach a shia a lamh dhut. Cha robh bhaigeireachd dhut dualach, ’S irioslachd a ghluais na dail thu, Thoirt dh’i lan neart do ghuaille, Dh’ fhuasgladh air cor truagh nan Gaidheal. Bho’n thug foghlum fradharc geur dhut, Dhearcadh shios oirn anns a chlabar, Ghairm thu Caithir ’s rinn thu lionadh, ’S gleidhear ann am miogh gu brath i. Gu ma suthainnn dha-sa suaimhneas, Thogas suas sinn as a lathaidh, ’Sa shocraich ar cas ’s ar cruas dhuinn, Togail suas ar Cathair Ghaidhlig. An t’Olla Iain Stiubhard Mac Dhuibh as ainm dhut, Tha thu iomraitaich ainmeil ’s gach canan, Fhuair thu ’n t’urram ann an Greugais, ’S mar fhear tagraidh treun nan ard-bheann. ’S mithich co dhunadh a nise, O nach d’ fhuair mi gibht gu bardachd, ’S gun aon fhacal ach an fhirinn, Cuiream fineid air an dan so. Ho gur toigh, gur toigh, ’s gur toigh leam, Ho gur toigh leam fhein a Ghaidhlig, Leamsa ’s toigh an canan rioghail, Dh’ ionnsaich mi aig glun mo mhathar. Cha ’n ’eil gràdh do na bràithrean cho cumanta ’nar measg ’s du chòir dha. Is tric a chi sinn daoine a tha gu follaiseach ag aideachadh na diadhachd, a’ fuathachadh a cheile le fuath iomalan. O CHIONN Còrr us bliadhna, sgriobh an t-Urr. T. Watson, á Coburn, Ont., mar a leanas:—Tha K. D. C. an deigh atharrachadh mor a thoirt orm, aon uair ’s gu’n do thòisich mi air a ghabhail. Tha tinneas mo stamaig air falbh gu buileach, agus tha mi na ’s slàine na bha mi o chionn bhliadhnaichean. Tha mi creidsinn gu bheil e cheart cho math ’sa tha iadsan a tha ’ga dheanamh ag radh. (Aug. 14, 1886) sgriobh e rithist:—“Tha mi toilichte innse gu bheil an leigheas a rinn K. D. C. orm buan.” K. D. C. Bu choir e bhi anns a h-uile dhachaidh, on tha e math air gach eucail bheag us mhor a tha buailteach do’n stamaig, a leigheas. Tha K. D. C. anabarrach math air son tinneasan cuim. Ma ghabhair iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 257] [Vol. 7. No. 33. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, AM MART 17, 1899. No. 33. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XVII. ATHAIR DHANIEL. Ann ceann beagan mhionaidean dh’ fhosgladh dorus an t-seomair, agus nochd leith sheann duine ’steach far an robh mi. Feumaidh gu’n robh e aon uair ’na dhuine anabarrach dreachar. Ged e bha e aig an àm ud corr is tri fichead bliadhna, bha e cho direach ri saighead. Bha ’aghaidh fhlathail, chruinn air, agus ged nach robh e trom ann am feoil, bha choltas air a bhith gle shlàn, fallain. Bha ’fhalt is ’fheusag cho geal ris a’ chaoraich. Bha ’n deise a bha uime cho math ’s gu’m foghnadh i do dhuine uasal sam bith. Agus bha fainne briagha òir air a mheòir. Cho luath ’s a nochd e steach air dorus an t seòmair, dh’éirich mi ’nam sheasamh. “An tusa Eachunn Camaran?” ars’ esan. “Is mi, le ’r cead,” arsa mise. “Dean suidhe air a’ chathair ud,” ars’ esan, agus e ’comharrachadh cathrach a bha faisge air an teine. Shuidh mi air a’ chathair mar a dh’ iarr e orm; agus shuidh esan air cathair a bha aig taobh eile an teine. Bha e ’na thosd mionaid no dhà, mar gu’m biodh e gun fhios aige gu ro mhath ciod a theireadh e. Mu dheireadh thuirt e, “Bha toil agam beagan comhraidh a bhith agam riut mu thimchioll mo mhic. Tha thu ’tuigsinn, tha mi ’creidsinn, gur mise athair an duine òig mhi-fhortanaich a chaidh a dhiteadh an latha roimhe. Bha e fuireach comhladh riut fhein ’s an àm ’san deachaidh a ghlacadh; agus bha toil agam fios fhaotainn uat mu dheidhinn na dòigh anns an robh e ’cur seachad na h-ùine fhad ’s a bha e comhladh riut. Bha mi mar tha anns an taigh, ach cha robh thusa ’staigh. Thug bean an taighe, agus an nighean òg a th’anns an taigh, am barail dhomh air an dol am mach a bh’aige, o chionn iomadh latha; ach bu ghlé thoigh leam gu ’n tugadh tusa dhomh mion-chunntas air gach ni a’s aithne dhut m’a dheidhinn o’n a chuir thu eòlas air. Bha mi far an robh e ’s a’ phriosan, agus thuirt e rium gur tusa an aon chompanach a bh’ aige, o’n a thainig e do Ghlasacho, a thug comhairle na còrach air agus mur b’ e gu’n robh e air a dhol tuilleadh is fad air aghart leis an obair a thug mu dheireadh do’n phrìosan e, tha e ag radh, gu’n robh e air do chomhairle ’ghabhail. Bu mhiann leam fios fhaotainn ciod a’ chomhairle a thug thu air.” An uair a chuala mi so, cha robh fhios agam ciod a theirinn, agus, bha mi greis ’nam thosd. An uair a chunnaic esan gu’n robh mi ’nam thosd, thuirt e, “Faodaidh tu d’inntinn a leigeadh ris dhomhsa gu saor; oir cha dean mi mi-fheum sam bith dhe na dh’ innseas tu dhomh.” Thuirt mi ris gu’n robh mi toileach gu leor gach ni a b’fhiosrach mi mu thimchioll a mhic innseadh dha; ach o nach robh sinn uine fhada ’fuireach comhladh, gu’m faodadh e thuigsinn nach b’urrainn domhsa mòran fiosrachaidh a thoirt dha. Ged a bhiodh cuimhne agam air gach facal a bha eadrainn, cha bhiodh e chum mòran feuma dhomh fhein no do neach eile teannadh ri ’aithris an so. Ach ged a tha cuimhne gle math agam air an oidhche ud agus air brìgh a’ chomhraidh a bha eadar mi fhein ’s an seann duine còir, cha’n ’eil cuimhne agam air a’ bheag dhe na dearbh fhacail a bha eadrainn. Dh’ innis mi dha gach ni air am b’ fhiosrach mi. Ach b’e an ni gu sonraichte a chuir dragh air an inntinn aige, an cunntas a thug mi dha mu thimchioll a’ chomuinn anns an robh a mhac a’ cur seachad na h-uine a h-uile oidhche Di-domhnaich. Dh’innis mi dha mu’n reusonachadh a bha eadar mi fhein ’s a mhac mu’n doigh mhi-laghail anns am bheil daoine a’ buinig airgid le gill ann an comuinn dhe’n t-seorsa ud, agus mar a chuir mi am muigh ’s am mach an aghaidh seasamh no suidhe ’na leithid de chomunn air oidhche sam bith dhe’n t-seachdain. Fhuair e barrachd mor fiosrachaidh uam na bha mi an toiseach an dùil; oir bha e cho math gu ceasnachadh ri iomadh fear-lagha. Agus feumaidh mi radh nach cuireadh an doigh a bh’ aige air mo cheasnachadh miolachd air neach sam bith. An uair a fhuair e a h-uile fiosrachadh a bha mise comasach a thoirt dha, bha e greis ’na thosd. ’Na dheigh sin labhair e rium mar a leanas:—“Is iomadh deuchainn is trioblaid a tha ’tachairt ri daoine ’dol troimh ’n t-saoghal so. Is beag a shaoilinn bliadhnachan roimhe so gu’m bidhinn an diugh, cha’n e mhain brònach, ach mar an ceudna fo mhasladh. Ach tha aon ni ann a tha ’cumail suas mo chridhe aig an àm so, agus is e sin, gu’n d’rinn mi gach ni a b’urrainn mi agus a b’ aithne dhomh a chum mo theaghlach a thogail gu measail, cliuiteach. Cha robh ni a ghabhadh deanamh nach d’ rinn mi a chum gu’m biodh iad fìrinneach, onarach, stuama, measarra, agus deadh-bheusach. Cha b’ e mhain gu’n robh mi fhein agus mo bhean le eisimpleir agus le comhairle ’g an teòrachadh anns na ceumannan so, ach b’e ar guidhe ri Dia, moch is anamoch is meadhain latha, gu’m biodh e ’stiùireadh, agus a’ teagasg, agus a’ dion gach aon dhe ar teaghlach. Gus a so, ghluais gach aon dhiubh iad fhein cho iomchuidh agus cho measail anns gach dòigh ’sa b’ urrainn a bhith, ach Daniel ’na onar. Rud a tha ’cur mòran ioghnaidh ormsa an diugh, cha robh a h-aon dhe’n teaghlach cho grinn, cho tlachdmhor, agus cho iomchuidh ris anns gach doigh gus an do chuir sinn do’n àrd-sgoil e. Anns an sgoil sin rinn e companas ri mac Iarla; agus riamh o’n uair ud, bha e ’sior dhol uaithe a h-uile latha. “A nis, feumaidh mi innseadh dhut nach b’ urrainn mo mhac-sa, no mac eile, gnothach bu ghòraiche ’dheanamh na companas a dheanamh suas ri duine sam bith a bh’ ann an suidheachadh mòran na b’ airde na e fhein. Bha mac an Iarla glè dheònach companas a bhith aige ri mo mhac-sa an uair a bha iad comhladh anns an sgoil, do bhrigh gu’n robh mo mhacsa cho gorach ’s gu’n robh e ’toirt bìdh is dibhe is airgid dha iomadh uair. Ach cha’n fhaigheadh mo mhac-sa cead suidhe aig bòrd an Iarla na’s mò na gheibheadh am fear a’s suaraiche a choisicheas an t-sràid. Nan robh fhios aig an Iarla gu’n robh a mhac a’ cumail comuinn ri mo mhac-sa, cha bhiodh e idir toilichte. “Tha mòran a dh’àrd-uaislean na tìre ag amharc sios air mo leithid-sa, a chionn nach robh m’ athair, agus mo sheanair, agus mo shinnsearachd gu leir, fo ainm a bhith àrd, uasal, urramach. Ach cha’n ’eil dad de nàire òrmsa air son gu’n robh m’ athair agus mo sheanair ’nan daoine a fhuair troimh ’n t-saoghal le fallus an gruaidhe, agus le cruas an dòrn. Agus cha’n aithne dhomh c’ar son a chromain mo cheann a lathair duine sam bith. “Am feadh ’s a tha e ceart agus glic do dhaoine a bhith ’g iarraidh a bhith ’dìreadh na’s àirde ’s na’s àirde ann an suidheachadh anns an t-saoghal so, cha bu chòir dhaibh a bhith feuchainn ri comunn a chumail ri daoine a tha tuilleadh is àrd os an cionn, agus aig nach ’eil de ghaol orra ach gaol an fhithich air a’ chnaimh. “Mu’n d’ fhuair mise mach mar a bha cùisean, bha mo mhac air a dhol tuilleadh is fad air aghart ann an stròdhalachd, agus ann an iomadh droch cleachdadh eile. Thug sinn dhachaidh as an sgoil e mu’n d’fhuair e de sgoil na bha sinn an dùil a taoirt dha. “Cha robh e fad aig an taigh an uair a thuig sinn nach e bhith ’na thàmh a fhreagradh air idir. Cha b’ aill leis cluas no geill a thoirt dhomhsa no dha ’mhàthair. Thòisich e ri bhith anabarrach trom-inntinneach. Thuig sinn gu’n robh nàire air airson nan gnothaichean gòrach a bha e ’deanamh an uair a bha e anns an sgoil. Agus o’n a bha e ’na thàmh aig an taigh, bhuail e anns an inntinn aige, gu ’m biodh daoine ag radh, gur ann a chionn nach b’urrainn da e fhein a cheannsachadh an àite sam bith a bha e air a chumail aig an taigh. Bha e ’g iarraidh cead falbh a Breatunn, agus a dhol gu ruige cearn air choir-eiginn fad as dhe’n t-saoghal. Ach bha e ro òg leinn air son a leigeadh air falbh aig an àm. Is docha nan do leig sinn air falbh e nach biodh cùisean cho cearr ’s a tha iad an diugh. “O’n a bha sinn an aghaidh dha falbh do na rioghachdan thall, ghuidh e oirnn a leigeadh cho fad air falbh o’n taigh, agus o a luchd-eolais ’s a ghabhadh deanamh. Fhuaradh àite dha anns a’ bhaile so; agus air eagal nach biodh a thuarasdal mòr gu leòr gus a chumail an am biadh ’s an aodach ’s an airgiod pòca mar bu choltach dha ’bhith, bha mi ’cur suim araidh g’a ionnsuidh uair ’s a’ mhios. “Fhuair mi teist air o na maighisteirean nach do mhi-chòrd rium idir. Bha e anabarrach dìleas dhaibh gus o chionn leith bhliadhna. B’ ann car gun fhios dhaibh a fhuair an lagh greim air. Nan robh fhios agamsa air mar a bha cùisean, bha mi air an t-suim a phaigheadh, ged a bhiodh i a’ choig uiread ’s a bha i. Ach tha ’n call a nis deante agus cha dean caoidh no gearain suas e. “A nis, gabh mo chomhairle, agus seachain na droch chompanaich. Sgriosar companach nan amadan. Agus idir na bi ag iarraidh a bhith tric ann an cuideachd dhaoine a bhios ’gam meas fhein tuilleadh is uasal air son do chomuinn. Gleidh d’ àite [TD 258] [Vol. 7. No. 33. p. 2] fhein, agus biodh meas agad ort fhein, agus chi thu gu’m bi meas aig daoine eile ort. Is e thu bhith cho measail ort fhein ’s nach rachadh tu do’n chomunn anns an robh mo mhac-sa a’ cur seachad mòran dhe’n uine, a thug ormsa fios a chur ort, agus m’ inntinn a leigeadh ris cho saor dhut a’ nochd.” Fhad ’s a bha’n duine còir a’ bruidhinn rium, bha mi ’g éisdeachd ris le mòr aire, araon a chionn gu’n robh fhios agam gu’m b’e mo dhleasdanas sin a dheanamh, agus mar an ceudna, a chionn gu’n robh toil agam fios fhaotainn air mar a thainig mo sheana chompanach gu bhith mar a bha e. “Cha bhi mi ’gad chumail mòran na’s fhaide,” ars’ esan, “o’n a tha cuid mhor dhe’n oidhche air a dhol seachad. Ach cha bu mhisde leam fios fhaotainn mu d’ dheidhinn fhein. Tha mi ’tuigsinn gur ann as a’ Ghàidhealtachd a thainig tu.” O’n a dh’innis an duine còir dhomh mòran m’a dheidhinn fhein ’s a theaghlaich, thuirt mi rium fhein, nach bu chòir dhomh a bhith tuilleadh is dùinte ris. Air an aobhar sin thug mi dha cunntas ghearr air an t-suidheachadh anns an robh m’ athair, air an obair ’s air an tuarasdal a bh’ agam o’n a thainig mi do’ n bhaile. An uair a dh’ fheoraich e dhiom ciod a bha romham a leantuinn, thuirt mi ris, nach robh ’nam bheachd aig an àm dealachadh ris an obair a bh’ agam, o’n a bha i ’cordadh rium math gu leòr. “Ma bhios tu deònach a dhol gu ruige Sasunn, gheibh mise obair mhath dhut latha sam bith. Mur tachair obair a bhith agam fhein dhut, theid agam air obair fhaotainn dhut ann an àite eile. Is ann an Libhirpul a tha mise ’fuireach. Tha mi ’nam cheann-suidhe air Cuideachd bheairteach aig am bheil àireamh mhath loingeas, a tha ’seòladh eadar Breatunn agus iomadh cearn eile dhe’n t-saoghal. Mar is trice, theid againn air àite fhaotainn do dhaoine òga anns am faod sinn earbsa ’chur.” Thug mi taing dha, agus an uair a thug e dhomh ’ainm air paipear, dh’ fhalbh mi dhachaidh. (Ri leantuinn.) FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN. (Air a leantuinn.) Thachair iomadh ni eagallach, oillteil anns an fhasach so. B’ ann sios an gleann so, a dh’imich bannal de’n Fhreiceadan agus Corporal Calum Mac-a-Phearsoin air an ceann, fo aithne treud chaorach a’ ghlacadh agus am fear leis am bu leis iad a’ chuir an sas, oir bha air a chuir as a leth, gu’n do thog e iad o na Camshronaich an Loch Ial. Fhuaras an treud agus tri cheud ann diubh, leis na saighdearan air taobh beinne; bu reamhar, dubh-cheannach na caoraich iad fo olunn briagh, fada; agus ’nam bun, agus ’na shuidhe air creig, le a lorg ’na laimh, an neach air an robhtar a’ cuir gu’n do ghoid e iad. B’ esan aon de na ceatharnaich air an d’ thugadh iomradh a’ cheana. Bu ro neonach an neach e ’na choltas, agus feusag fhada, liath air, a rainig seachad air a chrios, agus da chu dubh graineil, feargach, anabarrach mor, ’na chois. Rinn e gaire fochaideach an uair a chuir an corporal lamh ann, agus b’ ann le gleadhraich, agus braoidhlich a thainig a chuid gaireachdaich air ais chuca as na beanntan agus as na creagan, agus rinn na coin ulfhartaich, agus dh’ eirich na friodhanan orra, agus sradan as na suilean aca gu caoireach, caoir-ghealach. Chuartaichear na caoirich leis na saighdearan a nise, agus dh’ iomainear rompa sios a’ bheinn a steach gus a’ ghleann, agus as a sin leo gu baile Muire, agus piobaire a’ cluich roimh an treud, oir leanaidh na caoirich ceol na pioba mar is trice, a’ leigeil ris gu ’m beil barrachd ceill aca agus a tha aig na Sasunnaich. Bu mhear am Freiceadan Dubh oir b’ ann gun dragh a rinnear togail nan caorach leo, ach cha robh ’nam measg neach bu mho mire na am buachaille glacta, ged a bha a lamh ceangailte ri laimh dheis brathair Mhic-a-Phearsoin, chum agus nach rachadh e as orra; agus dh’imichear mar sin leo, gus an do ruigear sruth luath, an sin thuit an caoirich agus na coin ’nan caoban uir-duibhe, agus le gaire sgeig fiadhaich a dh’ fhalbh le gaoth a’ mhonaidh, chaidh am buachaille as an t-sealladh orra, agus cha robh ann deth ri ’fhaicinn ach fainne falamh a’ chuibhrich an crochadh ri caol dorn Mhic-a-Phearsoin, a dh’ fhairich gach fuiltean ag togail friodhain air fo ’bhoineid le eagal agus le geilt. Theirteadh, gu’m b’ aite-comhnuidh an gleann dorch so do na “Daoine-sith,” no na “deagh-choimhearsnaich” mar a a their na Goill riutha; agus rachadh so a’ dhearbhadh le fianuis uamhasach le bean fir de oifigich a’ bhannal no an roinn sin anns an robh Fearchar. Bu bhuidhe an tapadh leis na daoine-sithe, nan gabhadh nigheanan oga, agus mnathan leth-tromach a’ ghoid leo, agus dh’ fhagadh iad culag-connaidh no achlas chuilcean-criona an riochd na feadhna chaidh a’ ghoid, ach iad ann an neul no eadhon marbh. Is math leo a bharrachd na h-isein aca fein a’ bhith air an togail le mathraichean daonna. B’e an t-oifigeach so Donnachadh Caimbeul: bha a bhean gun chlann agus fadachd throm uirre d’a thaobh sin; bha i air gach tobair ainmeil a bha am fagus di, a’ thaghail, ach cha robh feum an sin di. Feasgar samhraidh di, an am do’n t-solus mairnealachadh air na beanntan, an uair a bha i aig dorus a buth, a’ coimhead gun aire air an Ial air an robh na gathan-greine gu dearg a’ dearrsadh, thainig gu h-obann os a comhair—cho obann sin agus mar gu’m b’ann as an talamh a thainig iad—fear agus bean bheag agus coltas air leth ainneamh orra, agus thairg iad leanabh ri’ altrum di. Bha Mona na h-aonar oir bha a fear ri a dhleasnas ann an aite-eiginn, agus cha robh neach ris an cuireadh i a comhairle, no neach air an iarradh i cead, mar sin ghabh i aca air a’ bhad, oir is sanntach, a deir an sean-fhacal, a tha bean gun chlann. “Gabh an ungaidh so,” thubhairt am fear beag gu driughteach, a’ toirt di cobhain bhig deanta de shligean, “agus cuimhnich gu’n suath thu suilean an leinibh leatha gu lathailteach.” “Gabh an sporran so,” ars’ a’ bhean bheag, a’ toirt poca bhig di, deanta de shioda uaine, agus lan airgid, “is e so an roimh-iocadh uainne, agus thig sinn a rithisd ann an gradaig.” Sheid a’ mhuinntir chuimir so air aghaidh an leinibh aca, agus chaidh iad a sealladh Mona, no d’a reir fein, chaidh iadsan agus ceo na h-oidhche feadh a’ cheile. Cha robh fios aig Mona air luach an airgid, mar a bha na buinn clo-buailte le iomhaigh an t-seathaimh Chonstantin, fear de shean-righrean na h-Alba agus b’ iad buinn oir a bha ann an cuid diubh. Bu neonach, iongantach an leanabh, bu ghlas-neulach, glasdaidh e; suilean geura, dealrach ’na cheann, agus iad fo mhulad, a dhudam agus a dhadam air mar bu trice, agus lamhan luaineach aige a rachadh solas na greine trompa. Ach thainig le bean an oifigich air an deoiridh so ’arach, agus an deigh beanntuinn ris na suilean aige leis an acfhuinn-suathaidh, dheanadh e an comhnuidh gaire chridheil agus aoibhneas cho mor, agus gur beag nach tigeadh an tinneas ospagach air. Thachair so cho tric agus gu ’n do bhuail e an inntinn Mona gu ’n cuireadh i an ungaidh ri a suilean fein, agus cha bu luaithe rinn i sin na chunnaic i le iongnadh baidne mhor de na Daoine-Sithe—fir agus mnathan a’ chota chaoil uaine—a’ dannsadh mu ’n cuairt oirre—agus a’ cuir fraoich orra fein agus a’ cluich le iomadh abhchaid tuaisteach chum an leinibh a’ chumail o fhadal; bha Mona a nis cinnteach as an leanabh; bu gharrach e de na spioradan d’am bu chomhnuidh Larach Mor. Nach i bha ’na teinn a nis? Bu chunnartach di neul an eagail a’ bhith oirre rompa, no oilbheum a’ thoirt daibh, agus ge mor a chrathadh i le sealladh nan luspardan uaine so m’a timchioll, cha do leig i dad oirre agus agus ghabh i uirre mar nach robh i ’gam faicinn; ach ag sior-urnuigh airson ath-thilleadh a fir, agus airson toirt seachad an leinibh-sithe; ach coma rinn i a dleasnas gu dileas da, oir dh’ fhas e laidir, boidheach; agus an uair a thainig, fa dheoidh, na parantan ’ga iarraidh gu dol leo, ghuil a’ bhean choir gu trom air a shon, oir is ann a bha gradh aice air a’ chreutair bhochd gun fhios di, ged nach b’ ann de shliochd Adhaimh no de neamh e. Beagan mhiosan do Mhona an deigh so, agus i a’ fas ni’s uaigniche le fadal gus a fear ’fhaicinn, bha i ’dol troimh Larach Mor, agus i ’na h-aonar. Mar a dh’eirich di air an turus roimh, chunnaic i gu h-obann, an taobh asteach de’n chearcall-sithe, na sithichean ’nam miltean, agus iad ri mire agus ri dannsadh, agus ’nam measgsan an leanabh a dh’ araich i, agus a pharantan mar an ceudna; ghabh i amhghar ’s iomaguin, agus bhruidhinn i riutha. Chaidh iad uile ’nan tosd ann am prioba, agus ghabh na daoine agus na mnathan beaga fearg agus corruich. Dh’ fhas an gnuisean dearg, agus bu lannrach na caoirean ’nan suilean. “Cia mar is leir duit-sa sinn?” dh’ fharraid athair an leinibh, a’ sgrogadh a cheann-bheirt bhinnich air a shuil dheis. “Nach d’ araich mi do leanabh, a’ dhuine choir?” arsa Mona, gu h-eagalach. “Ach ciamar is urrainn do d’leithid-sa ar leithid-ne ’fhaicinn?” ghlaodh na miltean guthannan beaga. Bha Mona air chrith, agus ’na tosd. “Oich! oich!” ghlaodh na guthannan beaga uile a beul a’ cheile, mar oiteig gaoithe, “chleachd i an ungaidh againne” “Bheir mise atharrach air sin,” thubhairt aon de na daoine beaga, a bha ’na fhamhair am measg a chompanach mar a bha barrachd agus da throidh a dh’ airde ann (is righ an cam-shuileach am measg nan dall) agus sheid e suas ’na h-aghaidh, agus air a’ bhad dh’ fhalbh sluagh nan cotaichean uaine air fad as a sealladh; cha bu leir di ach an cearcal-sith agus sliosan loma, uaine a’ ghlinn samhaich. Cha d’ fhagadh fear de na miltean a bh’ ann roimhe. “Cha’n eagal duit, a’ Mhona,” dh’ eubh guth beag r’a taobh,” soirbhichidh leis an fhear agad.” B’e an leanabh-sith a labhair. “Ach tha a bharra-mhanadh am mach air,” thubhairt guth eile gu feargach. Fo eagal trom, phill a’ bhean bhochd d’a taigh, agus ni a bha na ioghnadh mor leatha, bha i an deigh deich laithean agus oidhchean a’ chaitheamh am muigh. Ach cha’n fhaca i a fear a rithisd; anns an eadar-thrath chaidh e air bord soithich eiginn gu dol gu tir chein, an deigh da bhith air a thogail gu inbhe fir-brataich. Mar sin rinneadh fior an fhaisneis gu’n soirbhicheadh leis. Ach bha ’uair ’ga ruith, oir chaidh a mharbhadh aig Ticonderoga. Bha sgeul eile air inntinn Fhearchair, agus cha bu bheag an dragh a chuir sin air. Ann am bothan airidh, an so, chaidh caraid da asteach an am seilge, agus e a’ sireadh dion na h-oidhche. Fhuair e teine air fhadadh ann a cheana; bha so ’na chulaidh-eagail da, agus air streapadh suas da, shuidh e air mullach an taighe, ach a dh’ fheuchainn cia mar a rachadh an oidhche [TD 259] [Vol. 7. No. 33. p. 3] seachad. Thainig sean fhear beag asteach an uine gun ’bhith fada. Bu mhor agus bu ro mhor a chasan a lamhan agus a cheann a reir meud a chuirp, bu fhada agus bu cham a shron, air dath teine, agus a shuilean cho dealrach ris na reultan, oidhche reodhta geamhraidh, agus bu uamhasach na drilean a bha lasadh asda an uair a bhuaileadh solus an teine orra; thug e bharr a dhroma cual-ribheidean agus thoisich e air seideadh orra leis a’ bheul mhor, gus an robh a ghruaidhean air thuar sgainidh, agus a lion beagan agus beagan, a reir neart a sheididh, dh’ fhas craicionn air an ultach tioram, air an tainig uidh air n-uidh, fiamh, gnuis ’us cruth duine. Cha tigeadh leis an fhear a bha air a’ mhullach an corr ’fhulang, agus air eagal gu’n tigeadh a choltas fein air na bha shios, chuir e bonn sia-sgillinn ’na dhaga (mar a tha dion anns gach spiorad ri luaidh, leis nach teid buamastairean an Donais a’ leonadh air chor air bith) agus leig e urchair calg-direach an aghaidh ceann a’ bhocain, a chaidh as a shealladh le sgriach, a’ reubadh air fad le a chabhaig am balla-moine sin a bu taobh do’n bhothan agus thuit an taigh uile mar sin ’na larach. Bha Fearchar ’na chuimhne. Thainig ’na inntinn iomadh eile a bharrachd orra so an deigh a’ cheile, mar a bha curaidhean ard, glas-nulach aig an robh sliosan cho seanga sin agus gu’n rachadh gathan na greine trompa, do ’m b’ abhaist a bhith ag iadhadh mu’n cuairt an imcheist faisg air cuirn agus uaighean mointeach linntean eile; draoidhean mordhalach, spaideil aig an robh gun teagamh faisneachd agus fios an am ri teachd, nan cuireadh iad am mach e, agus tannasgan, taibhsean bocain, bodaich, deamhnan, uruisgean, glastigean, agus sithichean nach gabh aireamh. Cha ruigear a leas iongnadh a’ ghabhail ri so, oir is iad priomh-laithean an Fhreiceadan Duibh a tha fo ar n-aire, agus tha fios cinnteach gur ann anns a bhliadhna 1831, a chaidh da leannan ri teampull na Gealaiche, a bha an riochd leth-chearcall, agus a bha ann an Arcubh agus gu’m b’ ann an sin, air a gluinean a chuir a’ bhean ath-chuinge air Woden (sean dia breugach Lochlunnach) teachd an lathair. Ag gabhail cheumannan fada sinte da, bha Fearchar a’ cuir cluain air fein leis a’ bheachd so, nach fhaic iadsan a rugadh san oidhche—agus is tric a dh’ innis a mhathair da gur ann anns an oidhche a rugadh esan—tannaisg no taibhse; agus chuir e ris, agus ghabh e deur mhath as a chorn-seilge, agus cheangail e a bhreacan ni bu teinne air fein, agus rinn e leis a ’mheur dealbh mac-meanmnach a’ chroinn-cheusaidh mar dhion na aghaidh olc a’ cheairn uile, agus gu seachd sonruichte an aghaidh bodaich tuathaich, do ’m b’ abhaist a’ bhith ag raoiceil am measg creagan na Larach Moire, agus doinionnan sneachda a’ thilgeil sios a’ Choire-choille, agus meallan mora de chlach-graineil a’ thilgeil ann an Loch Liobhann. Ghairm Fearchar air Bran, agus theann e ri “Spaisdearachd an Fhreiceadain Duibh” ’fheadarachd, chum inntinn a’ thogail, agus ghabh e roimhe gu duineil, ach thoisich deoir leathann gaillinn air spairteadh ’na aodann. Thog e a shuilean ri Beinn Neimhis. Bha neoil na h-oidhche a’ tionail air a mullach adhbhail, agus iad a’ toinneamh, a’ sniomh agus a’ cuairteachadh ’nan cuairt-shruth air ioma-ghaoith agus a’ snamh gu siubhlach o a bearnan gu a binnean. Bha grunsgul agus borbhan an tairneanaich am measg nan creagan reubta os a ceann, a’ leigeil ris do Fhearchar, gu’n robh an doinionn dluth; agus ged is ann o shliochd treun gun athadh ’s gun sgath a thainig e, agus gun eagal air fein roimh ni air talamh, thigeadh ball-chrith air uair agus a rithist, agus duil aige ri eigh an Tairbh Uisge agus sgriachan tonnasgan an stoirm ag eirigh anns a’ ghaoith. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XX. Bha ’n righ gu mor an geall air a bhith cluinntinn naigheachdan anns am biodh driodartan iongantach agus leig e ris dhomh gu’n robh fior thoil aige fios fhaotainn air mar a thachair do m’ shianar bhraithrean; agus thuirt mi ris, “Le’r cead, a righ b’ e Bacbouc a b’ ainm do m’ bhrathair bu shinne; agus bha crotach; agus dh’ ionnsaich e an taillearachd. Beagan uine an deigh dha a’ cheaird ionnsachadh, chuir e suas buth-thaillearachd mu choinneamh a’ mhuillin a bh’ anns an aite. Ach gu mi-fhortanach, cha robh e ’faighinn a’ bheag a dh’ obair; agus bu ghann a rachadh aige air e fhein a chumail suas. Bha am muillear gu math beairteach agus bha bean anabarrach maiseach aige. Air latha araidh, an uair a bha mo bhrathir ag obair anns a’ bhuthaidh, thug e an aire do bhean a’ mhuillear agus i ’g amhre am mach air an uinneig, agus ghabh e tlachd mor dhi. Ma thug bean a’ mhuillear an aire dha, cha do ghabh i suim sam bith dhe; ach dhuin i an uinneag, agus cha do sheall i am mach oirre an latha sin tuilleadh. Is gann gu’n do thog an taillear truagh a shuil bhar na h-uinneig fad an latha. Bha e ’toirt iomadh bruideadh dhe ’n t-snathaid dh’ a chorraig; agus ged a bha e sas anns an obair, cha robh an obair a’ dol air aghart ach gle athaiseach. An uair a thainig an t-am an uinneag a dhunadh aig feasgar, is gann a bha fhios aige cia mar a dhuineadh e i; oir bha e an dochas a h-uile mionaid gu’n tigeadh bean a’ mhuillear thun na h-uinneig. Ach mu dheireadh b’ eiginn da an uinneag a dhunadh, agus a dhol dhachaidh dha thaigh beag, bochd fhein, far an do chuir e seachad an oidhche gle neo-fhoiseil. Dh’ eirich e gu math trath ’s a’ mhadainn, agus ghrad chaidh e do ’n bhuthaidh, an dochas gu’m faiceadh e sealladh de bhean a’ mhuillear; ach cha deachaidh cuisean leis dad na b’ fhearr na chaidh iad an latha roimhe sid; oir cha do sheas bean a’ mhuillear aig an uinneig ach tiotadh beag. Ach thug an sealladh a chunnaic e dhi air, gu’n robh barrachd gaoil aig oirre na bh’ aige roimhe. Air an treas latha fhuair e barrachd toileachaidh; oir sheall bean a’ mhuillear air le suil gle bhlath; agus leis an doigh anns an robh e ’beachdachadh oirre thuig i gle mhath gu ’n do ghabh e tlachd dhith. Cha do mhi-chord a’ chuis rithe idir; an aite sin, is ann a chuir i roimpe gu’n deanadh i ceol-spors dheth. Sheall i air le aoidh ’s le fiamh gaire air a gnuis, ach air eagal gu’m bristadh air a gaire, agus gu’n aithnicheadh e gur ann a’ deanamh ceol-spors deth a bha i, ghrad dhruid i an uinneag. Bha Bacbouc, an duine truagh, cho faoin na bharail ’s gu ’n do lan chreid e gu ’n robh tlachd mor aig bean a’ mhuillear dheth. Chuir bean a’ mhuillear roimpe gu’n deanadh i gun dail ceol spors dhe m’ bhrathair. Bha pios de dh’ aodach grinn aice a bha i ’gleidheadh gus gun a dheanamh dhi fhein. Phaisg i an t-aodach ann an neapaiginn briagha sioda, agus chuir i te dhe na searbhantan leis a dh’ ionnsuidh an taillear. Dh’ innis i do ’n t-searbhanta gur ann gu ceol-spors a dheanamh de ’n taillear a bha i. An uair a rainig an t-searbhanta leis an aodach, thuirt i, “Tha mo bhanamhaighstir gus a bhith ’toirt obrach dhut, agus tha i ag iarraidh ort gun fasanta a dheanamh dhi air an aodach so. Tha i gu math tric a’ faighinn atharrachadh aodaich, agus coisnidh tu cuid mhath air deanamh aodaich dhi.” Cha do chuir mo bhrathair teagamh nach robh gaol aig bean a’ mhuillear air. Agus bha e ’smaointean gu’n b’ ann gus a leigeadh ris dha, gu’n do thuig i gu’n robh tlachd aige dhi, agus gus a dhearbhadh dha, gu’n robh meas aice fhein airsan, a chuir i an t-aodach thuige gus an gun a dheanamh. O’n a bha e dhe’n bharail so, thuirt e ris an t-searbhanta, i thoirt fios gu ’bana-mhaighstir, nach deanadh e obair sam bith eile gus an deanadh e an gun an toiseach; agus gu’m biodh e deiseal anns a’ mhadainn am maireach. Dh’ oibrich e cho math ’s gu’n robh an gun deiseal aige am feasgar ud fhein. An la-iar-na-mhaireach thainig an t-searbhanta feuch an robh an gun deiseal. Thug Bacbouc dhi an gun air a phasgadh gu curamach, agus thuirt e rithe, “Tha leithid de thoil agam do bhanamhaighstir a thoileachadh ’s gu’n d’ rinn mi an gun cho cabhagach ’s a b’ urrainn mi. B’ fhearr leam nach tugadh i obair do thaillear sam bith eile ach dhomh fhein.” Dh’ fhalbh an t-searbhanta leis a’ ghun; ach an ceann tiotaidh thill i air a h-ais, agus thuirt i gu beag ri mo bhrathair, “Rinn mi dichuimhne an pairt dhe ’n teachdaireachd air an d’ thainig mi; thuirt mo bhanamhaighstir rium a beannachd a thoirt dhut, agus dh’ iarr i orm ’fheorach dhiot cia mar a chuir thu seachad an oidhche an raoir. Ach dh’ a taobh fhein, am boirionnach bochd, tha leithid de ghaol aice ort ’s nach d’ rinn i norradh cadail an raoir.” “Abair thusa rithe,” arsa mo bhrathair faoin, truagh, “gu’m bheil a leithid de ghaol agam oirre ’s nach do dhuin mo shuil o chionn cheithir oidhche.” An deigh nam beannachdan a chuir bean a’ mhuillear thuige, bha mo bhrathair a’ lan chreidsinn gu’n robh gaol mor aice air, agus gu’n nochadh i iomadh caoimhneas agus fabhar dha. An uine gun bhith fada, thill an t-searbhanta far an robh mo bhrathair agus pios a dh’ aodach sioda aice. “Tha mo bhanamhaighstir anabarrach toilichte leis a’ ghun a rinn thu dhi,” ars’ ise; “tha e ’freagairt dhi cho math ’s a b’ urrainn a bhith. Agus o ’n a tha e cho fior mhath, cha robh toil aice teannadh ri chaitheamh gus am faigheadh i cot’ iochdair. Tha i ’g irraidh ort cot’ iochdair a dheanamh dhi air an aodach shioda so.” “Foghnaidh sin,” arsa Bacbouc; “bidh e deiseil agam mu’n duin mi ’bhuth. Thig g’ a iarraidh am beul anamoch na h-oidhche.” Bha bean a’ mhuillear gu math tric aig an uinneig an lath’ ud, agus rinn i gach ni a b’ urrainn i gus a thoirt air mo bhrathair truagh a chreidsinn, gu’n robh i ann an trom ghaol air. Bheireadh an doigh anns an robh e ag obair gaire air gamhain. Cha robh e fada ’cur crioch air a’ chot’ iochdair. Thainig an t-searbhanta g’ a iarraidh; ach cha d’ thug i aon bhonn airgid thun an taillear gus deanamh an aodaich a phaigeadh. Ach aig a cheart am bha ’n duine truagh gus a tholladh leis an acras; oir bha e gun ghreim bidh a bhlasad fad an latha. Cha robh peighinn aige a cheannaicheadh a bhiadh. Cho math ’s gun robh a bhith trom ann an gaol, cha chumadh e an t-acras air falbh an comhnuidh. B’ fheudar dha iasad airgid fhaotainn gus a shuipear a cheannach. Air an ath mhaduinn, cho luath ’s a dh’ fhosgail e ’bhuth, thainig an t-searbhanta far an robh e a dh’ innseadh dha, gu’n robh toil aig a’ mhuillear bruidhinn ris. “Tha mo bhanamhaighstir ’g ad shior mholladh ris, agus an uair a sheall i dha an obair a rinn thu, chord i ris cho math ’s gu’m bheil e-fhein a’ dol a thoirt obrach dhut. Tha i mar aon obair ’g ad mholadh, a chum gu’m biodh cothrom agaibh, taobh air (Air a leantuinn air taobh 262.) [TD 260] [Vol. 7. No. 33. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 17, 1899. GNOTHUICHEAN CUDTHROMACH AN T-SAOGHAIL. Ged tha ’bhliadhna so fathast ann an laithean a h-oige, tha canradh ’us ulfhartaich ’us deasboireachd gu leoir thall ’s a bhos air feadh an t-saoghail. Is e dileab thruagh, thrioblaideach a fhuair a bhliadhna ’tha ’nis a ruith a cuairt bho na bhliadhna ’tha ann an tir na di-chuimhne. Tha tasan ’us fraoch ’us fearg gle laidir agus gle dhanarra, le torunn bagrach, cruaidh am measg nan rioghachdan. Cha ’n ’eil fe nan eun aig Ceann-suidhe ’s luchd-riaghlaidh nan Staidean anns gach dichioll airson a’ chumhnaint a rinn iad leis an Spainn a dheanamh laghail agus seasmhach. Tha aireamh mhor air feadh nan Staidean a tha ’creidsinn gu robh mearachd muladach air a dheanamh an uair a dh’ fhag luchd-riaghlaidh na duthcha tir-mor America, ’s a thoisich iad air sealbh a ghabhail le laimh lag no laidir air eileanan dluth air an tigh agus an taobh eile ’n t-saoghail. Tha na ceannardan a bha ann an Cuba a clambar ’n a measg fein mu dheibhinn na feola ’s an loin a fhuair am feachd ri itheadh, am feadh a bha na saighdearan ann an teas ’us mi-fhallaineachd Chuba. On nach robh biadh glan, fallain, ceart aca fein ann an Cuba, cha robh comas aige daoine nan Staidean air comhnadh a thabhairt do na Cubanaich a bha ’faighinn a’ bhais le ocras mar a bha paipeirean, naigheachd anns na Staidean gun tamh a’ cur an ceill. Nam b’e ’n diugh an de, cha ghabhainn idir iongantas ged nach cuireadh na Staidean aon long-cogaidh no reisimeid shaighdearan gu Cuba. Thug an t-eilean agus a shluagh baoghalta, ceannairceach, dragh nach ’eil faoin le ’dhonnalaich ’us le ghleadhraich do na Staidean cheana. Gheibh iad iomadh dragh ’us cradh ’us cosd fathast mum bi Cuba samhach, socrach le laghannan direach, ceart, ’us le riaghladh d’ an tabhair gach ard ’us iosal, gach Innseanach ’us fear geal ’us dubh, geill gu dileas agus gu modhail. Cha ’n ann gun saothair anabarrach a fhuair luchd-riaghlaidh nan Staidean aontachd na Parlamaid airson am fichead muillion dollair a phaigheadh leis an do cheannaich iad na h-Eileanan Philippianach bho ’n Spainn. Tha e gle shoilleir gu bheil luchd-aiteachaidh nan eileanan ud a dol ri ’n dulan airson na h-eileanan a ghleidheadh doibh fein, agus nach tabhair iad feairt air an Spainn agus air na Staidean agus air gach creic ’us ceannach a rinneadh air na h-eileanan anns an d’ rugadh iad, agus far an do chaith an sinnsirean an laithean. Feumaidh na Staidean feachd gaisgeil agus cabhlach laidir a chumail suas anns na h-eileanan ud, ma tha iarrtus suidhichte aca air uachdaranachd fhaotainn thairis orra. Bithidh cosd anabarrach dluth-cheangailte ris an fheachd ’us ris a’ chabhlach so. Fasaidh na Staidean sgith ann an uine ghearr, ma dh’ fhaoidte, de bhi ’paigheadh airgid co mor ’us co luachmhor airson nan Eileanan Philippianach. Tha an Cortes, no Parlamaid na Spainne, cruinn aig an àm so; ’s da rireadh tha clambar ’us iorghuill bhorb, fhuaimneach, am measg nan daoine mora ’us beaga ’bhuineas do ’n Pharlamaid. Cha chulaidh fharmaid na ceannardan a bha ’cur a chatha air muir ’s air tir ann an Cuba, ’s aig an robh fortan muladach anns gach blar a ghleachd iad as leth na Spainne. Tha ioghnadh oillteil air Spainnteach neo-sgathach anns a’ Pharlamaid, nach deachaidh na ceannardan arda ’chur gu bas cheana, on bha iad co fann, gealtach, gun ghaisge, gun tabhachd, as leth saorsa ’s onoir ’us morachd na Spainne. Tha e gle chinnteach gu teid gniomharan ’us comhluadar nan ceannardan a rannsachadh gu geur ’us gu mionaideach. Feumar aideachadh nach ’eil sgeula taitneach air bith ri innseadh mu na ceannardan Spainnteach ann an Cuba; oir, ged bha da cheud mile saighdear aca, cha b’ urrainn iad an t-eilean a chiosnachadh, agus cha do ghleachd iad aon bhlar dalma, dana, euchdail an aghaidh nan Staidean agus as leth na Spainne. Is i duthaich bheartach a tha anns an Spainn, agus buinidh iomadh beus do na Spainntich. Feumaidh iad turus nuadh a roghnachadh agus a ghabhail a nis, agus ainm ’us aite ’s ughdarras foghainteach a chosnadh doibh fein a rithist am measg rioghachdan cumhachdach an t-saoghail. Thugadh iad thairis de ’bhi ’deanamh oraidean foirmeil, arda, ’s thugadh aire gu mor a’s fearr ’s a’s modha buannachd do thapadh, do dhichioll, do dhealas, do stri threun, ghasda le lamh ’us eanchainn. Thainig crioch obann air cuairt ’us laithean Mhaighstir Felics Faure, Ceann-suidhe na Frainge. Is ann an inbhe iosal a rugadh e. Bha e ’deasachadh leathrach ann an laithean oige. Chinn an saoghal gu laghach agus gu fabharach leis, agus thruis e moran maoin leis gach malairt ’us obair d’ an tug e ’neart ’us ’aire. Ged nach robh e aig am air bith comasach, no tapaidh, no geur-inntinneach ann an tomhas sonruichte, bha e daonnan tuigseach, comasach, faicilleach. Lion e iomadh aite duilich ann an seirbhis na Frainge gu h-onorach, easgaidh, mun deachaidh a roghnachadh mar Cheann-suidhe na Erainge. Tha e gle shoilleir nach e gliocas faoin no foighidinn bhochd air an robh feum gach latha aige, am feadh a bha e ’sealbhachadh na h-inbhe a’s airde anns an Fhraing. Rinn e gun teagamh gach spairn ’us oidheirp a b’ urrainn da airson sith ’us sonais a ghleidheadh anns an duthaich; ’us airson nan daoine ciogailteach, buaireasach a tha ann am Parlamaid na Frainge ’stiuradh gu seimh, gu tearuinte, ’us gu beusach. Ged a bhitheadh fuil nan righrean a’ ruith ’na chuislean, cha bhitheadh barrachd iarrtuis aige air gach ni beag ’us mor, air gach abhaist ghlic ’us shuarach, air gach straic ’us beus ’us grinneis ’us modh a bhuineas no ’bhuineadh riamh do luchairtean eireachdail nan daoine rioghail. Bu ghasda leis a bhi ann an dluth-chairdean le righrean mora na Roinn-Eorpa, ’s a bhi ’faotainn uatha an speis agus an t-urram a’s nos do righrean a nochdadh le pailteas molaidh ’us durachd d’a cheile. Dh’ fhag Faure ainm maith ’na dheigh, agus tha ’m moran anns an Fhraing a tha bronach do bhrigh gu bheil e tosdach ann an suain a’ bhais, ged nach robh e ach ochd-deug agus da fhichead bliadhna. Is maith da rireadh do ’n Fhraing gu bheil lagh co glic aice airson Ceann-suidhe ur a roghnachadh. Feumaidh an da Pharlamaid cruinneachadh air ball aig luchairt ainmeil lurach Bhearsailles, agus an comhairle ’chur le cheile airson roghainn a dheanamh do neach eiginn gu bhi ’na Cheann-suidhe air an Fhraing. Is e Maighstir Emile Loubet a tha ’nis ’na Cheann-suidhe air an Fhraing. Is e duine measail a tha ann; agus dhearbh e cheana gu bheil e gaisgeil, tapaidh, agus gu dean e ’chulaidh mhaitheis gun sgath, gun eagal, gun eisimeil air bith, air an duthaich a riaghladh gu caoimhneil, laidir, ceart. Thoisich e cheana air grabadh a chur air nan daoine luasganach, amaideach a bheireadh aramach fuileachdach air aghaidh, nam faigheadh iad an toil fein. CONA. Cha d’ thainig am MAC-TALLA mach idir air an t-seachdain s’a chaidh. Bha beagan cearr air an inneal air am bheilear ’ga chlo-bhualadh, agus bha chuid a b’ fhearr dhe ’n t-seachdain so air a dhol seachad mu’n d’ fhuaireadh dòigh air a chur ceart. Air an aobhar sin chaidh àireamh na seachdain s’a chaidh a leigeil seachad, oir cha bhiodh e ’nar comas an da àireamh a chur a mach cho faisg air a chéile. Chi na leughadairean gu bheil dreach na’s fhearr air a phaipeir air an t-seachdain so na bha air o chionn treis a dh’ ùine. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. [TD 261] [Vol. 7. No. 33. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bidh ainmean na muinntir a phaigh o chionn da sheachdain anns an ath phaipear. Cha’n urrainnear àite dheanamh dhaibh air an t-seachdain so. Tha Riaghladh Bhreatunn a reir gach coltas gu bhi muillean gu leth punnd air deireadh ann an cùnntas na bliadhna so—tha an teachd a steach an uiread sin air deireadh air a chosguis, ni nach do thachair o chionn iomadh bliadhna. Leugh sinn o chionn da sheachdain air ais mu dhuine chunnaic smeòrach, ’s mu fhear eile fhuair mathan aig dorus an t-sabhail; air an t-seachdain s’a chaidh, leugh sinn mu dhuine chunnaic nathair bheò anns an t-sneachda; agus air an t-seachdain so, tha sinn a leughadh gu facas ann an Glace Bay dealan-dé. Ma tha gach sgeul dhiubh sin fior, feumaidh gu bheil earrach tràth gu bhi againn. Thatar a bruidhinn air gu bheil làithean matha dh’ fheitheamh air Port Morien fhathast. Chaidh mèinn False Bay Beach a chreic ri cuideachd Shasunnach a tha dol ’ga h-obrachadh an ùine ghoirid. Bhuineadh a mhéinn sin do’n t-seanalair Montgomery Moore, a cheannaich i o chionn còrr us bliadhna air ais. Tha dochas aig daoine gu ’m bi Port Morien fhathast mar a bha e roimhe, na àite anns am bi moran obrach a dol air adhart, agus anns am bi roinn mhath sluaigh a còmhnuidh. Tha air a gheamhradh so, sia sgoilean deuga ann an siorrachd Cheap Breatunn gun luchd-teagaisg sia ann an siorrachd Victoria, naodh ann an siorrachd Inbhirnis, agus seachd ann an siorrachd Richmond—ochd deug air fhichead air an eilean air fad. Tha e na ghnothuch bochd àireamh cho mor de na sgoilean a bhi dùinte, agus a chlann a bhi fàs suas as eugmhais an ionnsachaidh sin bu chòir dhaibh a bhi faotainn. Tha sinn an dòchas nach eil aon de na sgoilean dùinte le coire sluaigh na sgireachd. Tha ceann-suidhe cuideachd bheairteach ann an Lunnann (Milwall Dock Company) air a dhol air chall. Dh’ fhàg e an tigh ag radh nach biodh e air falbh ach aon oidhche. ’Nuair nach do thill e an ceann thri no ceithir a lathaichean, chaidh na leabhraichean a rannsachadh, agus thatar ag radh gu bheil iad a sealltuinn gu bheil faisg air da cheud ’s da fhichead mile punnd Sasunnach (mu $1,200,000) de dh’ airgead na cuideachd air nach eil cùnntas, agus ’si bharail choitchionn gu’n d’ rinn esan an t-suim sin a ghoid. Bha e ann an dreuchd o chionn fichead bliadhna, agus cha robh amhrus aig neach riamh gu robh e deanamh ni nach robh ceart no onarach. Tha e fàs coltach a nise gu bheil an rathad iaruinn eadar Port Hastings agus ceann a tuath siorrachd Inbhirnis ri bhi air a chur air adhart. Bhatar a bruidhinn air o chionn àireamh bhliadhnaichean. Dh’ aontaich comhairle siorrachd Inbhirnis ceud mile dolair a thoirt mar chuideachadh do’n chuideachd a bha dol ’ga chur adhart. Bha an ùine suas deireadh na bliadhna s’a dh’fhalbh agus cha’n ùraicheadh a chomhairle an tairgse mur pàigheadh a chuideachd da mhile dolair mar dhearbhadh gu robh iad deònach agus comasach air an obair a chur air adhart. Tha a chuideachd an deigh sin a dheanamh, agus a bharrachd air sin cheannaich iad na mèinnean guail timchioll air Port Hood. Tha dòchas aig muinntir Inbhirnis a reir sin gu’n teid an obair air adhart gun dàil. Thatar ag radh mar an ceudna, gu bheil rathad-iaruinn ri bhi air a dheanamh eadar Orangedale agus ceann a tuath na siorrachd leis an Reids, iadsan leis an leis rathad-iaruinn Newfoundland. Tha moran tinneis agus bàis air feadh na dùthcha aig an àm so. Ann an coithional Mhira, chaochail a ceithir deug re nan ochd seachdainean a chaidh seachd. Ann an St. Peters, air an treas latha, chaochail Domhnull Urchadan, a bha ’na fhear-tional na cusbuinn anns a bhaile sin o chionn deich bliadhna fichead air ais. Cha robh e tinn ach beagan ùine. Bha e air fear de’n cheud dhaoine a thainig gu St. Peters, agus bha e gle mheasail aig gach aon aig an robh eòlas air. Chaidh dithis dhaoine òga, Iain Mac Neill, agus Tearlach Daly, a ghlacadh an Seana Bhridgeport Di-satharna an 4mh la, air amhrus gu’m b’ iad a bhrist a stigh do thigh cala ’n rathad-iaruinn o chionn beagan ùine air ais. Daly air fheuchainn leis a Bhreitheamh Dodd agus air fhaotainn ciontach. Tha Mac Neill ri bhi air fheuchainn aig a Chùirt Mhòir a’s t-samhradh. Tha àireamh de litrichean ’s de sgriobhaidhean eile againn air laimh nach urrainn dhuinn a chur anns an àireamh so. Gheibh iad àite air an t-seachdain s’a tighinn. Tha “Gleann-a-Bhaird” a sgriobhadh “Litir eile gu Iain Beag,” anns a bheil e toirt seòlaidhean dha a thaobh bàrdachd agus eadar-theangachadh, a bhios gle fheumail dhaibh-san a tha dhe’n bharail gu bheil aca tomhas beag no mor de gheibht na bardachd. Tha dùil aig an Ard-Riaghlaidh gu’n tig faisg air leth-cheud mile de thuathanaich nan Stàitean an imrich do’n Iar-Thuath air a bhliadhna so. Tha sin na dheagh sgeul, ma tha na daoine tha tighinn dhe’n t-seòrsa cheart. Tha Canada farsuinn, agus mar is motha thig innte a dùthchannan eile de dhaoine dichiollach, beusach, ’s ann a’s fhearr. Tha de dh’ fheurann anns an Iar Thuath leis fhéin na bheireadh beòlaind mhath do mhuilleanan sluaigh. Bha Cordelia Viau agus a companach, Sam Parslaw, air an crochadh Di-haoine s’a chaidh ann an St. Scholostique, an Cuebec, air son mort Isidore Poirier, gniomh a rinn iad o chionn faisg air bliadhna gu leth air ais. ’Si Cordelia Viau an treas boirionnach a bha air a chrochadh ann an Canada o’n chaidh na roinnean aonadh anns a bhliadhna 1867. Bha tagradh as a leith air a chur a dh ’ionnsaidh an Ard-Riaghlaidh ag iarraidh a beatha leigeadh leatha, ach chaidh sin a dhiùltadh. Tha e ceart gu’m biodh binn an lagha air a ghiùlan a mach. Bha corp Morair Herschell air a chur air falbh gu Breatunn Di-màirt, an 6mh latha. Thainig an soitheach-cogaidh Breatunnaich Talbot gu ruige New York gus a ghiùlan a null. Chaidh urram mòr a chur air le muinntir nan Stàitean agus leis na Breatunnaich. Bha a chiste-laidhe air a cómhdach thairis le bratach Bhreatuinn, agus bha saighdearan nan Stàitean agus seòladairean Breatunnach ’ga giùlan. Bha Morair Herschell na dhuine glic, geur-chùiseach, air an robh meas mor. Bha e na dheagh charaide do Chanada, agus ionndrainidh an dùthaich so gu mor a ghuth anns a chomhairle a tha ri bhi ceartachadh chùisean eadar i-fhein ’s na Stàitean. Bha e daonnan air son ceartas fhaicinn aig Canada. POSADH. —Ann am Mansa St. Andrews, Sidni, air a 14mh latha, leis an Urr. I. F. Forbes, air a chuideachadh leis an Urr. D. Mac Ille-mhaoil, Iain A. Cuthais, Lingan Road, ri Mairearad Anna Mhoireastan, Loch Lomond. BAS. —Aig Baoghasdal Barachois, air Di-sathairne an 4mh latha de’n mhios so, Seumas, mac, gràdhach Mhicheil ’Ic Suain, da bhliadhna air fhichead a dh’ aois. Bha e na ghille còir tlachdmhor agus gle mheasail aig na h-uile a bha eòlach air. R. I. P. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SIDNI, C. B. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 262] [Vol. 7. No. 33. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 259.) thaobh, air an tuilleadh dhe ’r gaol ’s dhe ’r caoimhneas a nochdadh dh’ a cheile.” Chreid mo bhrathair a h-uile facal a thuirt an t-searbhanta ris, agus dh’ fhalbh e comhladh rithe do ’n mhuillean. Ghabh am muillear ris gle chaoimhneil. Sheall e dha corn mor aodaich, agus thuirt e ris. gu’n robh toil aige gu’n deanadh e fichead leine dha; agus thuirt e ris, an corr dhe ’n aodach a thilleadh dhachaidh. Bha mo bhrathair fad na seachdain cho trang ’s a b’ urrainn e a’ deanamh nan leintean do ’n mhuillear. Cha bu luaithe a bha na leintean ullamh na thug am muillear dha corn mor aodaich eile, agus dh’ iarr e air fichead paidhear dhrathaisean a dheanamh dha. An uair a bha iad deiseil, chaidh e dhachaidh leotha. Agus dh’ fhaighneachd am muillear dheth, ciod a bhiodh e ag iarraidh air son a shaoithreach. Thuirt e nach b’ uilear dha fichead bonn airgid. Ghrad dh’ iarr am muillear air an t-searbhanta an sporran anns an robh an t-airgiod a thoirt g’ a ionnsuidh. Ach o ’n a bha ’n t-searbhanta air a’ teagasg le ’banamhaighstir, sheall i air mo bhrathair le aghaidh ghruamaich, a chum gu’n tugadh i air a chreidsinn, gu’m biodh diumbadh aig a banamhaighstir ris nan gabhadh e bonn dhe ’n airgiod. Thuig e ciod a bha i ’ciallachadh, agus dhiult e bonn dhe ’n airgiod a ghabhail, ged a bha e gle fheumach air gus an t-iasad a fhuair e a phaigheadh. An uair a dh’ fhalbh e as a’ mhuillean, thainig e far an robh mise a dh’ iarraidh beagan airgid an iasad orm, agus thuirt e rium nach do phaigh am muillear no ’bhean peighinn dha. Thug mi dha am beagan a thachair a bhith ’nam sporran, agus so na bh’ aige fad beagan laithean gus e fhein a chumail beo. Ach cha robh biadh aige a b’ fhearr na brochan tanna; agus cha robh am pailteas dhe sin fhein aige. Air latha araidh chaidh mo bhrathair far an robh am muillear. Bha am muillear an lath’ ud gu math trang ag obair; agus o ’n a shaoil leis gur ann a dh’ iarraidh airgid air a chaidh mo bhrathair, thairg e beagan dha. Thachair gu’n robh an t-searbhanta an lathair, agus le sealltuinn gu gruamach air mo bhrathair mar a rinn i roimhe, thug i air nach do ghabh e bonn uaithe. Thuirt e ris a’ mhuillear, nach b’ ann a dh’ iarraidh airgid a thainig e, ach a dh’ fheorach cia mar a bha e. Thug am muillear taing dha, agus thug e dha aodach gus cota mor a dheanamh dha. An ceann latha no dha, an uair a bha ’n cota mor deiseil, chaidh Bacbouc dhachaidh leis thun a’ mhuillear. Thug am muillear am mach an sporran gus an duine truagh a phaigheadh; ach sheall an t-searbhanta air mar a b’ abhaist dhi, agus thuirt e ris a’ mhuillear, “A chiomhearsnaich, na biodh cabhag sam bith ort gus mo phaigheadh. Ni sinn cunntas uaireiginn eile.” Chaidh an duine truagh, faion dhachaidh luchdaichte le tri droch ghalairean—gaol, acras, agus cion airgid. Cha b’ e mhain gu’n robh bean a’ mhuillear gle shanntach, ach bha i mar an ceudna lan de dhroch nadar; oir, ged a chum i a chuid fhein o m’ bhrathair, cha robh i riaraichte gus an d’ thug i air a’ mhuillear dioghaltas a dheanamh air a chionn gu’u do ghabh e gaol oirre. So an doigh a ghabh e:—Chuir am muillear fios air Bacbouc gus e dhol a ghabhail a shuipearach comhladh ris. Agus an deigh dha suipear nach mor a b’ fhiach a thoirt dha, thuirt am muillear ris, “A bhrathair, tha e ro anamoch gus thu dhol dhachaidh a’ nochd tuilleadh; is fhearr dhut fuireach comhladh rinn fhein.” Dheonaich an taillear so a dheanamh. Chuireadh a laidhe e do ’n leabaidh a bh’ anns a’ mhuillean. Mu mheadhain oidhche, chaidh am muillear do ’n mhuillean far an robh e, agus thuirt e, “A choimhearsnaich am bheil thu ’nad chadal? Tha ’n aiseal agam tinn, agus tha moran grain agam ri bhleith. Am bi thu cho math ’s gu’n cuir thu am muillean mu ’n cuairt dhomh an aite an aiseil?” Gus a nochdadh gu’n robh deadh nadar aige, ghrad dh’ aontaich Bacbouc gu’n deanadh e mar a dh’ iarr am muillear air, nan sealladh e dha mar a rachadh e an ceann na h-obrach. Cheangail am muillear e ann an aite an aiseal, agus an uair a thug e dha coig no sia de bhuillean matha air an drium le cuaille bata, thuirt e ris, “Siuthad a nis, a chiomhearsnaich.” “Ho! c’ar son a tha thu ’ghabhail orm air an doigh sin?” arsa mo bhrathair. “Gus do dheanamh sunndach,” ars’ am muillear; “oir cha dean an aiseal car dhomh mur bi mi ’gabhail dhi le bata.” Chuir a h-uile rud a bh’ ann uamhas air Bacbouc, ach cha bu dana leis facal a radh. An uair a chaidh e mu’n cuairt a’ coig no ’sia dh’ uairean, bha toil aige anail a leigeadh; ach thug am muillear dha aon dusan de dheadh bhuillean dhe ’n bhata, agus thuirt e ris, “Biodh misneach agad, a choimhearsnaich! na stad idir. Feumaidh tu leantail romhad gun d’ anail a leigeadh, ar neo millidh tu a’ mhin ormsa.” Thug am muillear air mo bhrathair a bhith ’cur mu ’n cuairt a’ mhuillinn fad na h oidhche. Ann an soilleireachadh an latha, dh’ fhalbh am muillear dhachaidh, agus dh’ fhag e esan ceangailte ris a’ mhuillean. An ceann greis mhath thainig an t-searbhanta, agus dh’ fhuasgail i o ’n mhuillean e. “Ah! is ann agam fhein ’s aig mo bhanamhaighstir a bha ’n truas riut!” ars’ a’ bheisd charach. “Cha robh lamh againn anns an droch dhiol a rinn mo mhaighstir ort idir. Cha dubhairt an duine truagh aon fhacal rithe; oir bha e air a chlaoidh gu h-anabarrach leis an obair, agus leis na fhuair e de bhuillean troma. Dh’ ealaidh e dhachaidh, agus chuir e roimhe nach tugadh e suil gu brath tuilleadh air bean a’ mhuillear (Ri leantuinn.) The gradh Dhe neo chrìochnach agus tha e air a thaisbeanadh dhuinn ann an Iosa Criosd. “Oir is ann mar sin a ghradhaich Dia an saoghal gu ’n d’thug e aon-ghin Mhic fein, a chum ’s ge b’e neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gu ’m bi a’ bheatha shiorruidh aige.” Cha tig caochladh air gràdh Dhe. Seachain, mar a sheachaineadh tu an nathair, an neach a sgriòbhas gu mi mhodhail, ach fathast a labhras gu milis. Cha ’n fhiach le neach aig am bheil ceud fathan mòra a bhi ri connspoid. Am Feillire. MART, 1899. 1 Di-ciaduin Bàs Néill Ghobha, 1807. 2 Dior-daoin Breth Prionnsa Tearlach 1720. 3 Di-haoine 4 Di-satharna Bàs Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1790. 5 DI-DONAICH 6 Di-luain Faotainn uaigh Bhruis, 1818. 7 Di-mairt 8 Di-ciaduin An fhéill Dhuthaich. 9 Dior-daoin Bàs Uilleam Guthrie, 1770. 10 Di-haoine Bàs Ailein na Earrachd, 1828. 11 Di-satharna An fhéill Chuinn. 12 DI-DONAICH IV Donaich dhe’n Charghas. 13 Di-luain Bàs Uilleam Dhuinn, 1849. 14 Di-mairt 15 Di-ciaduin Glacadh Lucknow, 1808. 16 Dior-daoin 17 Di-haoine An fhéill Phàdruig. 18 Di-satharna 19 DI-DONAICH V Donaich dhe ’n Charghus. 20 Di-luain Séisd Inbhirlòchaidh, 1746. 21 Di-mairt Breith Dhonnachaidh bhàin, 1724. 22 Di-ciaduin 23 Dior-daoin 24 Di-haoine 25 Di-satharna Bàs Uilleam Hamilton, 1754. 26 DI-DONAICH An fhéill Muire. 27 Di-luain Di-donaich nam Pailm. 28 Di-mairt Bàs Righ Seumas VI, 1625. 29 Di-ciaduin Bàs Sheumais Logain, 1872, 30 Dior-daoin 31 Di-haoine Di-haoiné na Ceusda. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 53 F An Solus Ur, L. 11, U. 3, M. 39 F A’ Cheud Chairteal L.18, U. 11, M. 10 F An Solus Lan, L. 27, U. 2, M. 4 M DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. [TD 263] [Vol. 7. No. 33. p. 7] A FRAMBOISE. Bho ’n a sgriobh, mi thugad roimhe is iomadh uair a thug mi suathadh air mo chluasan leis an fhuachd; cha d’ fhairich an neach a’s sine ’n so a leitheid de fhuachd a leanntuinn a h-uile latha fad tri no ceithir a sheachduinnean. Ach bho cheann latha na dha tha blaths againn agus cha ’n eil teagamh nach tug a bhiasd ud “zero” a bhreab a’s fhearr aisde air a cheann ’sa de’n bhliadhna. Tha muinntir a bha tinn leis a “ghrip” againn a dol am feabhas, agus gu dearbh tha sinn an dochas nach dean e grip air neach tuille. ’Se ’n grip agus daolag a bhuntata da rud nach toil leinn a thighinn gar taghal idir! Leis a phosta mu dheireadh fhuair mi tri no ceithir a litrichean, agus bho nach d’ fhuair mi uiread comhla riamh roimhe thoisich mi air a fosgladh cho luath ’sa b’ urrainn dhomh ’s aig a cheart am a moladh Iarla Minto, na Mr. Mulock airson litir a leigeil troi ’n duthaich air da shent. Ach a bhalaich, an uair a dh’ fhosgail mi a cheud aon, gu de a bha ’na broinn ach dealbh mhor ghrannda, agus gu dearbh ma bha mo shroin sa fada crom bha dealbh ne sroine na b’ fhaide na sin. Bha dealbh an neach a bh’ ann na shuidhe air bosca agus glaine aige ’sa darra laimh is botull sa laimh eile. Bha seorsa de dh’ ad air a cheann agus a falt aige air tolladh a mach troimpe ann an leth-dusan aite. Bha sron air a chumadh dh’ ainmich mi, agus am barr aice air a dheth dearg. Bha, tha mi ’n duil, rusg na bliadhna ’n uiridh da fheusag air, agus ma bha leine air cha bu leir dhomh a chionn gu’n robh an seorsa cota a bha uime air a dhunadh gu teann mu amhaich le prine na dha. Bha lan chothrom aig na h-uinnlean air sealltuinn ’s air glaodhaich a mach troi na muilchinnean, agus bha a bhriogais air reir a chota. Agus co dhiu is “corns” a bhi air meuran nan cas aige bu choreach na nach e bha iad uile gu leir ri ’m faicinn troi na brogan. Bha mi air an caothach dearg a ghabhail mur a be gu’m b’e so am na ‘valentine’ ach arsa mise, “an urrainn thusa innse dhomhsa gu de tha ’n dealbh so a leigeil ris?” “Tha,” arsa Domhnull, “agad an sin dealbh a mhisgeir.” “An e,” arsa mise, “gu’n dean a mhisg a leithid sud de dhreach a chur air neach.” “Cha ’n eil an sin,” arsa Domhnull, “ach samhladh lag an coimeas ri cruth an neach sin a tha na mhisgeir.” “A, well, well,” arsa mise, ’s mi tionndadh ris na gillean, ’s ri Seonaid, “nach mairg nach seachain an t-ol.” Bha “drive” aig comunn na stuamachd againn air a mhios so, agus gu dearbh bu bhoidheach an sealladh e. Bha gach duine ’s ainmhidh air an cuir suas anabarrach sealltunach, stuama, agus ged nach b’ ann air thailleamh fear na bean bainnse a bha leithid againn tha mi ’n duil gu robh bean bainnse da rireadh ann, se sin “stuamachd” agus tha dochas laidir againn nach tig an latha anns an iarr iadsan a rinn ceangal posaidh rithe litir dhealaichidh a thoirt dhi. CEANN LIATH. Feb. 28, ’99. LITIR A NEW ZEALAND. A CHARAID,—Tha mi a cur gu ur n-ionnsuidh an so deich tasdain air son a MHAC-TALLA agus bu choir dhomh bhi air a chur thugaibh fada roimhe so. Tha mi a cur gu ur n-ionnsaidh mar an ceudna roinn do dh’ eachdraidh New Zealand leis an teachdare cheudna; cha do leubh mi fein fathast e, ach faodaidh gun toil leibh fein agus le “Cona” fhaicinn. ’Se duthaich gle bheanntachail a tha so agus ’s e beanntaichean teine “volcanoes” a bha anns a chuid mhor dhiubh, feodhain dhiubh nach eil ach nan cnuic bheaga agus feodhain eile a tha aireamh de mhiltean trodh a dh’ airde. Feodhain diubh leth chonard mar “saucer” air a thionndadh air a bheul fodha, agus cuid eile dhiubh a tha cas mar chumadh cupa air a thionndadh air an doigh chendna. Cuid dhiubh a tha cho cruinn os-ceann uidhe anns a mhulach agus cuid eile dhiubh anns a bheil slochd cruinn anns a mhullach aca far an robh an teine a smudadh a mach asda agus na sluic a tha so a dol faisg air cho iosal ris a bhonn agus cho cruinn ’s cho cas anns an taobh a stigh ri “bowla”. Tha an talamh timchioll dhoibh gle math. Tha ’m fagus dhomh an so pios do chomhnard cruinn, mu dha mhile tarsuinn air gach rathad agus streath dhe na beanntan ud tiomchioll air gle choltach gun do bhruchd teine mor a mach as a sud uair eigin, oir tha na clachan air uachdar agus fodh ’n talamh air losgadh mar gu’m biodh guaileanan a bhiodh ann an teallach gobha. Tha e gle choltach gu’m robh slochd domhain roimhe far ’m bheil an comhnard a bha sud gus ’n do lion e suas le talamh a bha taomadh sios leis na sruthanan a taobh nam beann. Tha anns a chomhnard ud cuideachd tobraichean neonach a tha goil mar gu ’m biodh iad air ghoil le teas; tha cuid dhiubh beagan ni’s blaithe na tobraichean eile, ach cha’n e teas a tha gan goil ach deatach no “gas” a tha ’g eiridh bha mhuinen a bha ’san talamh gle choltach gu robh an “gas” a losgadh roimh gus na dh’ fhas e cho lag ’s nach loisgeadh e ni b’ fhaide. Ma theid an “gas” a tha sud air anal creutair sam bith marbhaidh se e ann am piobadh na sul, ach cha tachair sin ach do chreutair a theid ann ’n uair a bhios an t-uisge ni ’s isle na uachdar an talmhainn. Chunnaic mi fein caora marbh ann a fear dhiubh far an deach i ’ga ol agus ceithir chlamhainn marbh comhla rithe far an deach iad ’ga h-ithe. Tha mar an ceudna dus a sioladh as an uisge so ’n uair a thig no riutheas e air uachdar an talamh a theid na chlaich chruaidh agus ni e clach dhe fiodh no lusan sam bith air a ruith e; agus ni a tha gle neonach tha an t-uisge ceudna gle fhalain ri ol; tha moran do mhuinntir a faighinn leighis dhe bhi ’ga ol agus gan nighe fein ann, ach feumaidh iad an anal agus an ceann a chumail far a rug a ghaoth iad, ni ’s airde na ’n talamh agus an “gas”. Tha moran dheth ’n t-seorsa thobraichean so mu dha cheud mile deas air so, pairt dhiubh sin cho teth ’s gu’m bruich iad feol no buntata, feadhain eile ni ’n teobh fuar, feodhan dhiubh (Geuysers) a tilgeadh an uisge suas anns na speuran gus an bheil e dol na cheo anns an iarmailt. Bha mi gorach a dol a thoiseachadh air so bho nach urrainn dhomh a dheanamh ceart. Na’m biodh sinn a cluinntinn a cheile bhiodh moran seanachais againn ach bho nach eil feumaidh mi sgur a guidhe slante agus soirbheachadh math do Mhac Fhionghain agus do ’n MHAC-TALLA. LITIR A MANITOBA. A MHIC TALLA CHOIR,—Tha an aimsir cho doirbh agus an tigh cho fuar agus gun do ròth an dubh cho cruaidh ris na creagan. Gu fortanach thainig a ghrian a mach an diugh le blàths neo-chumanta, mar gu’m bitheadh i gabhail truas ri creutairean breòite mar a tha mi fein, agus uime sin a dhuine chòir, cheanalta, tha mise cur fàilte as ùr air do luchd-leughaidh. Na’m bitheadh tu ann an so an latha roimhe dheanamaid gàire cridheil ann an cuideachd a chéile. Bha aon de na nàbaidhean agam a dol a mach beagan mhiltean bho ’n bhaile a mharbhadh mhuc; thainig e mach o bhiadh maidne le mhuilcheanan air an truiseadh, agus sgian mhor bhiorach na dhòrn. Bha tuathanach a gabhail seachad aig an àm, agus bha mo nàbuidh an geall air faotainn a steach do’n charbad, a bha dol do’n choille, agus gu dhol seachad dlùth air an tigh anns an robh na mucan. Thog e an làmh anns an robh a sgian dubh; thòisich e air eughach, ’s air smèideadh, ’s air ruith an dùil gu’n stadadh an coigreach. Ach mo chreach! ’N uair a chunnaic an tuathanach am fear a bha ruith an tòir air, ghabh e clisgeadh agus eagal mòr; shaoil leis gu robh a bheatha ann ann cunnart, ’s chuir e an sgìùrsair air na h-eich; agus ma chuir, a bhalaich, thòisich iad air leum, ’s air ruith, a togail smùid eagalach de’n t-sneachda feadh na raontainn, agus a mach nan deigh dh’ falbh gach cù is madadh, bho cheann gu ceann de’n bhaile. Shaoil le mo nàbuidh gur aon de na coimhearsnaich a bha stiùradh a charbaid, agus gu robh e ruith airson spòrs, ’s chum e air, a ruith, ’s ag eughach, ’s a crathadh na sgeina, aig fadheòidh, a dhuine cha robh ni ri fhaicinn ach smùid de’n t-sneachda. Sud an sealladh, ’san t-iomradh mu dheireadh a fhuair sinn air a choigreach leis a charbad; cha’n eil fhios ciod a thachair dha. Chaidh na mucan a mharbhadh an deigh a h-uile rud a thachair, agus fhuair mi fein mo chuibhrionn. Beannachd leat an duigh. Is mi do charaide dileas, MANITOBA. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. [TD 264] [Vol. 7. No. 33. p. 8] Latha nan Tri-Righrean. Fhuaras an duan seo am measg paipearean Mhr Alastair Gillies, Sagart a bh’ ann an Eilean Eige. Air dhuinn bhi là ’sa bheinn-sheilg An oidhche a’ teachd ’oirnn le smal Chunnacas reul a b’àillidh snuadh A’ teachd a nuas o’n airde ’n ear, Thog Coibhi nan ciabh liath a cheann A’ eùbadh a ghlùin sios gu grad— “Eisdibh ri sgial tha ro bhinn ’S ar Slanuighear nise ar teachd.” Labhair an t-seann draoidh gu h-ard— “O moladh do dh’ ard righ na flath A tha ’taisbean dhuinn mo Dhia na’ gràs Mar thubhairt na faidhean bho shean; Imich a Righ na’ geur lann Tho(bh)airt aoraidh do righ na flath Imich s thoir leat-sa righ Eirinn ’S righ Shasunn nach géill sa chath.” “’S ro-aoibhneach leam-sa do chainnt” Thubhairt Treunmor a b’àillidh snuadh Mhar fhuaim sruth uaibhreach nam beann Ghluais e romh’n ghleann fodh chruaidh, Shiubhail na righrean gun dàil Thar sàile le’n longaibh luath ’S an rionnag daonnan ’g an stiuireadh Bho chùrsa na h-airde tuatha; Mar thorc ciar air chruaich nam beann Chuala Herod mu theachd nan righrean, Gu gruamach, dorcha gu’n fhialachd Bha’n t-Iudhach ag iarraidh tuasaid. Mar ghluaiseas sruth uaibhreach nam beann Ghluais Treunmor aig thùs nam fear Mar dharach ard nan gleann Sheas Righ na h-Alba ri ’shleagh; Mar bheum-sleàgh ’teachd bho’n ghleann A spionahh leis gach craobh us creag Mar sin a bha gluasad nan righrean A’ dol sios thun a chath. “Fosadh,” thubhairt Herod le oillt, “Air comhrag nan lann ’s nan sleagh Ma thainig sibhse mar chàirdean Thigibh gun dàil thun na cuirme.” Ghluais na righrean na’n oraich Ghluais Treunmor gun sgath gun fhiamh Sgiath bhallach an crochadh ri thaobh A chlogaid air taobh a chinn. Ràinig iad aitreabh an righ Gun ghuth air strì no air comhrag An t-slige dol trice mu’n cuairt Dh’aom oidhche gu luath le sòlas. ’Sa mhaduinn nuair dh’ imich na righrean ’S a dh’ fhàg iad tigh mor a choisridh Chunnaic iad le fior thoilinntinn An rionnag a’ teachd na’n comhdhail. Fhuair iad òigh bu mhothar snuadh An tigh fuar gun sgath gun dian Righ nam feartan air a glùn A’ ghnùis a’ dealradh mar ghrian. Thuit na deoir bho righ nan lann ’Toirt aoraidh do Righ nan Righrean An òigh toirt dhaibh mìle taing Le aoibhneas ’s le mor thoilinntinn. Cumha Do bhean Iain Dhomhnullaich (mac Chaptain Ailean) a Margaree, a chaochail air an 16mh latha do February, 1899.—LE CARAID. Ho ro ra il o na, Och nan och ’s mi fo eislean, Gu bheil mi ’s air mo sgaradh, A Sheonaid Chalum bhon’ dh’eug thu. Cha ne or, cha ne earras Cha chrodh, cha ghearain, ’s cha ’n airnais, Geda chaillt’ ad san Earrach A chur mo ghalar an drasda’ orm. Cha ne sid ’tha mi gearain Ach mo bhana-charaide shar-mhath, Bean chliuteach Iain Ailean Seonaid Chalum ’ic Pharlain. Mi nam shuidhe air an tullaich ’S mi ri tuireadh ’s an am so, Dh’ fhalbh mo shugradh bhuam buileach Is thainig mulad nach gann orm. ’S beag an t-ioghnadh do chuideachd A bhi fo mhulad ’s gach am dheth, Bho na chuireadh an ullaich An ciste chumhan ’s be ’n call e. Thuair ’ad losgadh am bliadhna Sid an diachain bha craiteach, Ceann na ceile ’s na riaghailt’ Lamh na fialachd sa chairdeas. Mar sin is cridhe neo-spiocach Agus biataiche sar mhath, Bhi sa chadal throm shiorraidh ’S goirt a riab sid do chairdean. Tha do chompanach truagh dhe Sa chuailean air banadh, Bhona chuir e san uaigh thu ’Bhean a b’ uaisle gnath’chadh. Bha e roimhe so uallach Fhad sa ghluaiseadh tu lamh ris, ’S mor a dh’ ardaich e uaisle. ’N latha thuair e air laimh thu. Nuair thuair e coir bho na chleir ort ’S iomadh eud bha san am ris, Oir b’ ainneamh bean t’ engais Do cheiteabh ’s do bhainndidh’chd. Bha cliu, maise ’s dea’ bheusan A co-sthreup anns gach am riut, ’S mor an cliu thug an chleir ort A nuair a leubh ’ad air call ne. Tha do nighneagan deurach Is iad fo eislean an comhnaidh, ’S beag an t-ioghnadh dhaibh fhein sid Bhona dheug thusa ’Sheonaid; Laidh smal air an leirsinn Agus threig an cuis-sholais, Chaill ’ad iuchair na gleidhteachd A chum ri cheil’ ad gu doigheil. Bu leat urram na h’ uaisle Se do ghluasad ’bha stollda, ’S ann dhutsa bu dual sinn ’S og a thuair thu dea’ fhoghlum. Se do chainnt bi cho stuama ’S do bhuaidheanan soraicht’, A chuir islean is uaislean A luaidh air do chomhradh. Thainig dith air an ardaich Far am b’ abhaisd dhut comhnaidh, Dh’ fhalbh as muirn is ceol gaire Thainig annradh is bron ann. Bho na chriochnaich do laithean Sa charadh fo’n fhoid thu, C’aite faic mi bean t’ ailleachd A chuireas faillte cho coir orm. Fhad sa shiubhlas a ghrian A dol a’ niar mar is abhaisd, Bidh cuimn’ air do ghniomhan Do chiall is do mharan Cha leig mis’ thu air di ’chuimhn’ Gus an triall mi ’n deigh chaiche, ’S bidh mi m’ urnaigh ag iarraidh dhut Fois na siorraidh’chd am Paras. Cha’n ’eil aon chuid cridheachan matha no tuigse mhath aig luchd-tuaileis. Cha ’n ’eil e ceart gu’n diteadh sinn neach ’s am bith nach ’eil ’s an làthair gu dhìon fèin. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, Sidni, C, B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 265] [Vol. 7. No. 34. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, AM MART 24 1899. NO. 34. LITIR EILE GU IAIN BEAG. IAIN BHIG,—Beachdaich air na sreathan so:— Bho iomadh abhainn aosmhoir, Bho iomadh réidhlein uain’, Tha gairm againn gu saorsa A thoirt do thràillean truagh’. Tha ’n rann so air a dheanamh ’sa cheart dòigh ’sa bheil e air a dheanamh ’sa Bheurla. Chi thu mar a tha river agus liver (ann an de-liver) a freagairt da ’cheile ann an fuaim gu bheil aosmhoir agus saorsa a freagairt. Chi thu, cuideachd, mar a tha plain agus chain a co-fhreagairt ann am fuaim gu bheil uain’ agus truagh’ a co-fhreagairt. Ged a tha an rann so air a dheanamh a réir riaghailt bàrdachd na Beurla, cha ’n fheil e a réir riaghailt bàrdachd na Gàidhlig. Anns a Ghaidhlig cha ’n fheumadh saorsa freagairt de dh-aosmhoir ann am fuaim. Ann am Beurla ’s an Gàidhlig dh’ fheumadh uain’ agus truagh freagairt. Cuiridh sinn an nis an rann mar so:— Bho iomadh abhainn aosmhoir, Bho iomadh raon is cluain, Tha gairm againn gu slàinte A thoirt do thràillean truagh’. Chi thu gu bheil tuilleadh de cheol anns an rann mar so na tha ann anns a cheud doigh air an dug mi dhuit e. ’S e ’s aobhar dha sin so: tha raon a freagairt do dh-aos ann am fuaim, agus tha thràill a freagairt do shlàin. Tha a Ghàidhlig ag iarraidh gu ’m biodh facal anns an dàrna sreath a tha a freagairt ann am fuaim ris an fhacal mu dheireadh de ’n cheud sreath. Cha bhi blas ceart air oran Gaidhlig mar bi a chùis mar so. Cuiridh sinn an nis an ceathramh uile ann an Gàidhlig:— Bho bheanntaibh deigheach Ghreenland, Bho bhruaich na h-Induis mòir, Bho Africa nam fuaran ’S na gainnimh luachmhoir òir, Bho iomadh abhainn aosmhoir, ’S bho réidhean craobhach uain’, Tha iad gar gairm gu ’n saoradh Bho chuing an daorsa chruaidh. Chi thu gu bheil Greenland is Induis, fuaran is luachmhoir, aosmhoir is craobhach, saoradh is daorsa a co-fhreagairt ann am fuaim ’sa ’cheud lide. Tha saoradh agus aosmhoir a co-fhreagairt, ach cha ’n fheil an sin ach tuiteamas. Cha ’n fheil e gu feum sam bith. A thaobh moir agus oir dh’ fheumadh an da fhacal so a bhith de ’n aon fhuaim. A rithisd, dh’ fheumadh uain’ agus chruaidh co-fhreagairt am fuaim. Beachdaich an nis air a cheathramh so:— Bho Ghormthir dheighich ghrìmich, Bho thràigh nan Innsean caoin, Bho Africa nam fàsach, ’S nam fuaran làna, saor, Bho iomadh abhainn aoibheil, Bho iomadh coill is raon, Tha sluagh gar gairm gu ’n tearnadh Bho bheachdan cearr’ ’s bho dhaors’. Anns a cheathramh so tha na facail caoin, saor’, raon, is dhaors’ de ’n aon fhuaim. Am bitheantas ann an Gaidhlig gheibh thu na ceithir facail dheireannach a tha san àite ’sa bheil iad so a co-fhreagairt ann am fuaim. Tha e na ’s fhasa cuimhne a chumail air a cheathramh nuair a tha sin mar sin; gidheadh cha ’n fheum a chuis a bhith mar sin. Tha an ceathramh a thug mi dhuit roimh ’n fhear so air a dheanamh ceart gu leir. Seall an nis air an rann so:— Bho iomadh abhainn aosmhoir, Bho raoin nam pailm-chrann àrd’, Tha iad gar gairm gu slàinte ’S buan àgh ’thoirt daibh gun dàil. Tha ’m facal dàil a freagairt ann am fuaim do ’n fhacal slàinte. Tha sin na mhearachd mòr; tha ’n rann ceart gu leoir ’sa h-uile doigh eile. Nan cuireadh tu an rann mar so dheanadh e an gnothach:— Bho iomadh abhainn aosmhoir, Bho raoin nam pailm-chrann ard’, Tha sluagh gar gairm gu ’n saoradh Bho ’n daorsa chruaidh gun dàil. Shaoil mi gu ’n robh crìoch air an litir so. Nuair a sgriobh mi a chuid d’i a tha roimhe so cha robh guth agam air feuchainn ri laoidh Heber eadartheangachadh. Ach bha i a ruith ann am cheann, agus lean mi oirre gus an do chuir mi i mar a tha mi ga toirt an nis dhuit. LAOIDH Leis an Easbuig Heber air craobh-sgaoileadh an t-soisgeil. Bho bheanntaibh Ghormthir ghrìmich, Bho ghlinn nan Innsean blàth’, Bho Africa nan coilltean ’S nam fuaran soillseach, làn’, Bho iomadh abhainn aosmhoir, Bho iomadh raon is blàr, Tha sluagh gar gairm gu ’n saoradh Bho chuing an daors’ gun dàil. Ged ’s cùbhraidh ciuin na gaothan Thar Seylon chaoin ’tha gluas’d, Ged tha gach sealladh àillidh, Tha ’n duine gràineil, truagh; An cinneach dall cha léir dha Mor mhaitheas Dhé do shluagh, Ri cloich is fiodh le dùrachd Tha e cur ùirnigh ’suas. ’N diult sinn’ aig a bheil eolas Bho thìr na glòire shuas, Do shluagh ’tha ’n duibhr’ an lòchran Tre ’m faigh iad sòlas buan? Làn shaors’ o pheacadh éighibh, An sgeul a’s éibhnich’ fuaim, ’S biodh iomradh mu ’n Ti ’cheusadh ’S gach tìr fo ’n ghréin aig sluagh. A ghaoth, thoir sgeul nam buadh leat, Rach leis, a stuaidh, ad leum, ’S an sgaoil e thar gach àite Mar mhor chuan àlainn, réidh; Biodh sluagh a moladh Iosa Le ’n crìdh, le ’n gniomh, ’s le ’m beul, Gu uair a theachd na mhòrachd ’Thoirt suas a shlòigh leis fhéin. GLEANN-A-BHAIRD. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XVIII. AN SEANA MHAIGHSTIR-SGOILE. Bha e’n deigh àm cadail an uair a rainig mi an taigh. Theab nach leigeadh bean an taighe steach mi. Bha i làn dheas gu toiseachadh ri trod, nam biodh duine ann a throideadh rithe. Ach cha deanar trod gun dithis. Chuir mise romham fada roimhe sid, nach tugainn freagairt mhath no olc air te sam bith a thoisicheadh ri trod rium gun aobhar. Gun teagamh sam bith bha beagan aobhair aice an oidhche ud. Bha mise na b’ fhaide gun dol dhachaidh na b’ abhaist dhomh; ach dh’ fhaodadh i mo leithsgeul a ghabhail. Nan do ghabh i le achasan a thoirt dhomh, cha bu ghearain; ach smad is chàin i mi thun mo bhròg. Ged a bha i cumail am mach gu’m b’ ann air son mo mhath a bha i ’g am chaineadh, thuig mi glé mhath nach b’ ann. Bha i an deigh fear-fuirich cho math ’s a bha riamh aice a chall; oir bha Daniel a’ pàigheadh deadh shuim air son a bhùird. Agus gu math tric bhiodh e latha ’s oidhche gun aon ghreim itheadh, mur gabhadh e beagan anns a’ mhadainn mu ’n falbhadh e thun ’obrach. Bu tric leis am feasgar, agus an earrann bu mhò dhe ’n oidhche, a chur seachad an àite eiginn eile. An oidhche a bhiodh e fada gun tighinn dachaidh, cha ghabhadh e greim suipearach. Faodar a radh nach robh e ’caitheamh trian dhe’n bhiadh a bha e pàigheadh dhi. Cha robh mor bhuannachd sam bith aice dhiomsa; agus cha ’n ’eil mi creidsinn gu’n robh an seana mhaighstir sgoile a’ cur mòran ’na pòcaid. Ach is e fior bheagan dragha ’bha e ’cur oirre. Cha ghabhadh e ach am biadh bu shaoire, agus bu chumanta a gheibhteadh anns a bhaile. Ach bha e na bu shlàine ’s na b’ fhallaine air a’ bhiadh a bha e ’gabhail na bha na daoine a bha ’caitheamh am beatha gu sòghail gach latha. Bu tric leis a bhith ’g radh, gur e na bha daoine ag itheadh de bhiadh sòghail a bha ’gam fàgail cho mi-thuarail. Air latha àraidh ’s an t-samhradh, an deigh dhomh tighinn dachaidh, agus mo bhiadh a ghabhail, thainig e do’n t-seomar far an robh mi. “Cha mhisde daoine a bhith greis an dràsta ’s a rithist a’ comhradh ri ’cheile,” ars’ esan. “Thainig mi ’chur seachad greis dhe’n fheasgar comhladh riut. Ach ma tha gnothach ro shònraichte agad ri dheanamh am muigh, thig mi far am bheil thu uaireiginn eile.” Thuirt mi ris gu’m bithinn toileach greis dhe ’chomunn ’s dhe ’chomhradh ’fhaotainn uair sam bith a bhiodh e deiseil dha fhein greis dhe’n uine a chur seachad comhladh rium. “Tha mise pàigheadh mo roinn de’n t-seòmar so riamh o’n a thainig mi dh’ fhuireach do’n taigh,” ars’ esan, “ach bha mi coma tighinn a shuidhe ann fhad ’s a bha ’n duine òg mi-fhortanach anns an taigh. Cha robh e fhein is mise ’tighinn a reir a chéile idir. Bha tuilleadh ’s a’ chòir de shògh ’s de shubhachas fa near dha. Is ainneamh a chunnaic mi daoine a bha tuilleadh is déidheil air biadh math, air deoch làidir, agus air comunn baoth ’s air fearas-chuideachd, nach d’ thainig a dh’ ionnsuidh na bochdainn agus na truaighe air a cheann mu dheireadh. Tha coltas ortsa gu’n dean thu feum, ma leanas tu romhad mar a tha thu. Ach cuimhnich nach bi barail ro àrd agad ort fhein. Is iomadh fear a bha cho glic riutsa, a dh’ fhas gòrach ann an ùine ghoirid. Cha ’n ’eil thu idir cho glic ’s a bhitheas tu.” Lean e air bruidhinn rium air an dòigh so car greise, agus mu dheireadh thuirt e, “Tha ’n seòmar so ro fhuar air mo shonsa. Tha mi nis air fàs sean, agus tha ’n fhuil air fuarachadh annam; ach bha mi latha dhe m’ laithean a cheart cho math fulang fuachd riutsa. Tha eagal orm gu ’n cuir fuachd an t-seomair so galair do bhàis ort.” Thug mi taing dha air son greis dhe’n ùine a chur seachad comhladh rium. Cha b’ ann a chionn gu’n robh mi ’gabhail fadachd leam fhein ann an t-seòmar, ach a chionn gu’n do chòrd a chomhradh rium gu gasda. B’ ainneamh leam riamh fhathast a bhith ’gabhail fadachd, na ’s lugha na thachradh dhomh a bhith ’feitheamh [TD 266] [Vol. 7. No. 34. p. 2] ri bàta no ri neach eiginn. Mar tachradh dhomh a bhith ann am measg dhaoine, no ann am measg leabhraichean, bhithinn gu dlùth a’ smaointean air nithean a chunnaic agus a chuala mi; agus, air an dòigh so, bhithinn a’ beothachadh ’s a’ geurachadh mo thuigse agus mo chuimhne. Mu’n àm ud, chuir mi romham gu ’m feuchainn cho math ’s a b’ urrainn mi ri tuilleadh fiosrachaidh agus foghlum ’fhaotainn. Roimhe sid, bha mi dichiollach gu leòr a’ leughadh gach leabhair air am faighinn greim. Ach thug mi an aire gu’m feumainn a bhith na b’ fhearr gu cunntas na bha mi, nam bu mhath leam faotainn na b’ fhearr air aghart. Smaoinich mi gu ’m bu choir dhomh toiseachadh ri dhol do’n sgoil oidhche. Ach o nach robh fhios agam air mòran mu thimchioll nan sgoiltean a bh’ anns a’ bhaile, smaoinich mi gu ’m bu chòir dhomh mo chomhairle a chur ris an t-seana mhaighstir sgoile. Air an fheasgar sin fhein, thuirt mi ris, gu’m bu mhath leam a bhith greis ’na chomhradh, o’n a bha toil agam mo chomhairle ’chur ris mu thimchioll ni àraidh a bha mi ’cur romham a dheanamh. An uine gun bhith fada thainig e steach far an robh mi. Bha e na b’ aoidheile na b’ àbhaist dhomh fhaicinn. Shuidh e air cathair laimh ris an teine, agus thuirt e, “Tha mi ’n dòchas nach ann a’ smaointean air pòsadh a tha thu.” Cha robh fhios agam ach gann ciod a theirinn an uair a chuala mi so; oir, aig an àm ud, b’e pòsadh rud cho fad’ o m’ chridhe ’s a bh’ air an t-saoghal. “Cha ’n ’eil guth, no eadhoin smaointean agam air a leithid,” arsa mise. “Tha mi ’n dòchas gu’m bi iomadh bliadhna mu’n toir thu guth air a leithid. Tha amadain gu leòr anns an t-saoghal mar tha, ged nach cuirteadh thusa air an aireamh aca,” ars’ esan. Thuig mi air an fhiamh gàire a bh’ air a ghnùis, nach robh e ri debhearsain, agus thuirt mi, “Am bheil barail amadain agaibh air a h-uile fear a tha ’pòsadh.” “Cha ’n ’eil, is ann agam nach ’eil. Ach tha barail agam gur e amadain a th’ ann an iomadh fear dhe na tha posadh, agus faodaidh mi sin; oir, mar a tha’n sean fhacal ag radh, “Togaidh an obair an fhianuis.” Cha bu chòir a dh’ fhear sam bith pòsadh mur biodh e deas gu cur suas leis gach dragh is trioblaid a tha ’n co-cheangal ri staid a’ phòsaidh. Thig mile rud ann an rathad dhaoine an uair a phòsas iad ris nach robh sùil sam bith aca. Ach dh’ fhaodadh iad fios a bhith aca gu ’m bheil na h-uile buailteach do dh’ iomadh dragh agus trioblaid an uair a phòsas iad. An àite an sùilean a chumail fosgailte, agus beachd a ghabhail gu cùramach air a liuthad fear agus té a tha ’n diugh ’nam luideanan truagh, gun tuar gun dreach, air dhroch bhiadh is aodach, air thailleamh a’ phosaidh, is ann a theid iad an ceann pòsaidh gun uiread is smaointean aon uair air a liuthad trioblaid a dh’ fhaodas a bhith feitheamh orra.” An uair a bha e bruidhinn mar so, ghabh mi amhrus nach robh e fhein posda riamh, agus thuirt mi ris, “Is cinnteach gu’n robh sibh fein pòsda mu ’m bheil a leithid a dh’ eòlas agaibh air gach dragh is trioblaid a th’ ann an co-lorg a’ phosaidh.” “Cha robh ’s cha bhi mise pòsda. Tha amadain gu leòr anns an t-saoghal a tha glé dheas gu pòsadh as m’ aonais-sa. Ach cha deanadh an saoghal feum mur biodh na h-amadain ann. Ged nach robh mi posda, ghabh mi beachd air na bha mi ’faicinn ’s a’ cluinntinn mu ’n cuairt dhomh. Cha bhi mi ’g radh diog tuilleadh riut an diugh mu’n phòsadh, o ’n a tha thu ’g aideachadh nach ’eil smaointean agad air a leithid.” Dh’ innis mi dha, gu’n robh mi ’cur romham gach ni ’nam chomas a dheanamh a chum an tuilleadh foghlum fhaotainn, agus gu’n robh dùil agam a dhol do’n sgoil oidhche, ach nach robh fhios agam co ’n te dhe na sgoiltean a b’ fhearr. Bha e greis ’na thosd, agus thuirt e rium nach comhairlicheadh e dhomh a dhol do the seach te dhe na sgoiltean oidhche. “Is fhearr dhut,” ars’ esan, “do dhichioll a dheanamh air thu fhein a theagasg aig an taigh. Cha ’n ’eil teagasg sam bith a’s fhearr na’n teagasg a ni duine air fhein. Ach air a shon sin, an uair a thachras ni sam bith riut a bhios cho duilich ’s nach teid agad fhein air a dheanamh, is e do ghliocas a dhol far am bi duine a bheir dhut fiosrachadh agus treòrachadh. Thoir an aire nach teid thu far am bheil duine sam bith a dh’ iarraidh cuideachaidh, gus an toir thu dùil thairis nach teid agad fhein air do ghnothach a dheanamh. Mar is lugha ’chuireas tusa agus mise de dhragh air daoine eile, is ann is toilichte ’bhios sinn dhinn fhein air a’ cheann mu dheireadh. Fhad ’s a bhios comas nan cas agad, is e do ghliocas gun a bhith ’falbh air bhataichean. Ach an latha ’bhios tu ann am feum cuideachaidh, na cuir cùl ri cuideachadh a ghabhail o neach sam bith a thairgeas cuideachadh dhut. “Is tric a bha mi ’smaointean o chionn ghoirid air mar a thachair do’n chompanach a bh’ agad an uair a thainig tu do’n taigh so. Nan robh e am freasdal an tuarasdail a bha e cosnadh, is docha gu’n robh e fhathast gun dol do’n phrìosan. “A nis, bheir mise dhut fuasgladh do gach ceisd a bhios cho duilich ’s nach teid agad fhein air am fuasgladh. Agus a bharrachd air sin, bheir mi dhut fiosrachadh sam bith a th’ agam. Is glé thoigh leam gach cuideachadh nam chomas a thoirt do dhuine òg sam bith a bhios a’ cur roimhe gu’n coisinn e meas is cliù is àrd-inbhe dha fhein.” Thug mi mòran taing dha, agus thuirt mi ris gu’n gabhainn a chomhairle anns gach ni a chuireadh e mu m’ choinneamh. (Ri leantuinn.) FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN. (Air a leantuinn.) Lean an duine uaigneach so roimhe, a’ saoithreachadh suas an fhasaich ud gus an do rainig e guaillean na beinne, far an do luidh an gleann dubh caol sin, anns an robh Loch Liobhann ’na sineadh, air a laimh dheis, agus air a laimh chli, bha beoil nan gleann sin a luidheas sios ri taobh Loch Treig air am fosgladh, anns an do thathaich Damh Mor nan Geasan, air an robh mar sgeul gu’m maireadh e gu cian nan cian, gun chomas a leanaidh aig airm a’ chinnidh-dhaoine; ach thoisich an gaillionn a nis ’na bhoile agus e a’ bruchdadh ’na mhaoim. Ar le Fearchar gu ’n rachadh a’ ghaoth ’na deann, agus ’na gaoire-guil thairis air an speur, ’ga reubadh, agus gu’m beucadh i anns na faslaichean fodha; an tairneanach a’ leumadh o chreig gu creig, agus an dealanach gorm aogaidh ’na chaoirean, a’ tighinn agus a’ falbh, a’ dunadh nan suilean le a shoillse obann agus a’ leigeil ris fad prioba nan tuiltean, a bha ri gleadhraich agus a’ sior dol ’nan aibhnichean; oir bha an t-uisge an deigh tuiteam re uine fada air barr Bheinn-Neimheis, agus thoisich e a nis gu bras agus gu cas ’na dheann-ruith agus ’na shruth, air a thilgeil leis a ghaoith thar na beinne agus nan gleanntan. Bha Fearchar a’ dol air a aghaidh gu starr-chosail, an uair a dh’ fhoillsich plathadh dealanaich taigh Mona fo aodann creige comhdaichte le giubhas; thug e dian oidhirp ris a’ ghaoith bheucaich, bha ’na lan luathas a’ toirt luim air gach ni le gramalas taileil agus rainig e an airidh air a mhogan. Bha an dorus air a dheanamh de tri croinn-tarsuinn, agus an deigh da gabhail aige, leig e e fhein air urlar talmhaidh an airidh agus esan ’an neul; chuige thainig Bran air a mhagaran, mar gu’n do chuir a’ chomhrag uamhasach am muigh eagal eadhon airsan. Thainig na sgeoil ghruamaich uile an inntinn Fhearchair a rithisd, agus a’ bharrachd, an oillt is dual do na Gaidheil an uair a tha iad ’na leithid sin a dh’ aite aimhleasach; agus ag faotainn da tomad fiodha thioraim faisg air—giubhas agus darach, air an taisg mar bu choltaiche le buachaille eiginn a bha deanadach, gleidhteach—thug e am mach ailbhinn agus na dh’ fhadadh spuinge, agus le deisealachd saighdear agus sealgaire las e teine ann an cearna a’ bhothain, a’ deanamh daingeann mar sin nach tigeadh bocan sam bith gun fhios da, nam b’e sin an t-aite-cothionail dhaibh. ’Na abarsgaic bha staoig sithne, agus chuir e sin air a’ ghriosaich a’ chum a roistidh; tharruing e a bhreacan uime agus mu Bhran, agus le sgios a thurus ’na leithid ud a dh’ oidhche troimh a leithid ud de dhuthaich, chaidh e uidh air n-uidh ’na chadal, gun umhail sam bith aige ris an doinionn air mirechath anns na gleanntan dorcha fodha, agus mu’n cuairt air binneanan loma nam beann aibheiseach shuas, beanntan cho an-mhor agus gu’n dorchaichear leo eadhon Gleann Mhor na h-Alba. Chaidh a smaointean thairis air a champanaich agus e ’na chadal. Chunnaic e aisling. Ar leis gu ’m bu fada an uine o nach robh e maille ri a chompanaich, cha robh fios cia cho fada; dh’ eirich Finab os a chomhair a’ beachdachadh air le aire gruamach, agus bha gnuisean a chairdean uile air an tionndadh uaithe. “Cia mar so? Ciod is aobhar da so?” dh’ fharraid e. Chaidh innseadh dha an sin gu’n d’ thainig masladh air an Fhreiceadan Dubh, oir threig triuir de na saighdearan an reiseimeid sin, agus gheibheadh an triuir sin bas an la sin fein air sailthaobh an gniomh, agus bha an reiseimeid gu bhith an lathair mar fhianuisean air an crich bhronaich a bhitheadh ’na seamadh daibh. Mar chomharradh air so dh’ eirich air a bheulthaobh ’nan lan greadhnachais a h-uile a ni a chuideachadh le uamhuinn cho gruamach; bu bheothail agus bu druighteach a chualas leis cumha na pioba, an trath do’n triuir fo dhiteadh dol seachad air gu socarach, gach fear air culthaobh a’ mharbh-phaisg dhuibh fein; bha gnuisean a chairdean air an robh e cho eolach fo bhron agus fo dhubhbhron; dh’ amhairc e air iomadh fear, ach ma dh’ amhairc, cha robh orra uile ach an t-aon choltas duaichnidh, muladach; ach mar amhluadh nan amhluadh, b’ fhada o Albainn aite-tachairt a’ mhaoim sgeunaich so, gun a bheag a dh’ fhios aige c’aite; oir bha e an aineol air gach ni, air an aite, air an t-sluagh, air an guthan, air cumadh na duthcha. Cian le astar air chulthaobh bonaidean gorma an Fhreiceadain Duibh agus os cionn ioma-lannaireachd am biodagan-gunna, bha caisteal gruamach coimheach ’na sheasamh, aig an robh daingneach ceithir chearnach agus binnean aig gach cearn, agus am mullaichean a’ dearrsadh anns a’ ghrein. Bha mor-shluagh mu’n cuairt, luchd-tuineachaidh na duthcha coimhich, monmhur tromsanach agus cainnt chruaidh ghraiceach aca, agus iad a’ sior dol an lionmhorachd. Thainig ball-chrith air Fearchar, an am do na fir fo dhiteadh dol seachad air, agus iad cho teann air agus gu’m faiceadh e an cuim a’ tarruing le osnaichean troma; ach dh’ fhairtlich air an aghaidhean ’fhaicinn, oir dh’ fholuicheadh iad gu h-imir-chuimir leis na breacan feile aca a reir nos nan sean Ghaidheal, an uair a bhitheadh iad ag iarraidh trocair no iochd. Chaidh crannchur a’ thilgeil, fiach co air a thigeadh dleasnas oillteil am marbhaidh, agus ge b’oil le Fearchar, chunnaic e e-fein ’nam measg-san, air an do thuit an crannchur. An uair a thainig am an leagail, agus an triuir truaghain m’a choinneamh, gach fear dhiubh air a ghluintean ’na chiste-luidhe fein, agus a [TD 267] [Vol. 7. No. 34. p. 3] cheann ’na bhreacan, chuir Fearchar roimhe gu diomhair, os iosal gun dunadh e a shuilean agus gun leigeadh e urchair gun chuimse an aghaidh balla a’ chaisteal; ach thainig togradh air gu’n toireadh e suil roimhe fad prioba; bu laidir, do-thuigsinneach am miann e; cha robh cur ’na aghaidh, agus feuch! bha am breacan air tuiteam o ghnuis aoin diubh, b’ann an sin a thainig am faitcheas air; oir b’e fein fear de na daoine fo bhinn a’ bhais. B’ fhior da. Bha a ghnuis fein os a chomhair, agus i gu glasneulach, aogaidh; agus b’ iad a shuilean fein a bha a’ dearsadh air le gellt, gu fiadhaich, duilich. Leig e leis a ghunna tuiteam. Shearg a neart, shream e le cradh-inntinn; thainig fallus fuar, righinn air a chlar-aodann leis na chunnaic e; ach chlisg e ’na dhuisgeadh an uair a chualas guth eagalach, poncail, ged nach bu labharr, a’ cuir durdain ’na chluais:— “Fhearchair Mhic-Sheathachain, bithidh duil ri fear feachd ach cha bhi ri fear lic.” Leum e ’na sheasamh le gaoir eagalach, a’ faicinn da nach robh e ’na aonar. Bha sean chailleach bheag ’na cruban, faisg air griosach an teine, agus bha Bran a’ coimhead uirre gu feargach, togail ard air a’ fhriodhan agus e ri grunsgul le fuaim allmharra, chorraich, a thug buaidh, cha mor, air beucaich an doininn a bha fathasd a’ buanachadh air breislich air an taobh am mach. Bha coslas na caillich so iongantach neonach. An uair a dh’ eireadh an teine ’na lasair leis a’ ghaoith a’ rachadh gu tric ’na deann tre na bearnan anns an airidh, bhitheadh na sradan gu caoireach a’ priobadh ’nam boillsgean as a suilean; bu dubhanach, cromagach a sron; a beul mar lot domhain, grannda; agus bha a snuadh dubh-ghorm. Bu aodach di earrasaid bhuidhe, a chomhdaich i gu h-iomlan; a lamhan coltach ri pasg chnapan no ri innean sean eoin le cho crionta seargta agus a bha iad, agus bha iad a’ sniomh agus a’ meurachadh a’ cheile gu mion-mhothachail agus blaths buidheach na griosaich a’ soillseachadh orra. Bhitheadh i a’ gearan rithe fein air uairibh, agus an deigh di suil de a suilean dearga, oillteil a’ thilgeil air Fearchar uair no dha gu nimheil, mios-guinneach, thiolp i gu h-obann staoig sithne o theis-meadhon an teine, agus le gloc no gaire sainnt, shluig i sios e, ge comhdaichte le gual agus luaithre dearg-teth e, agus a’ cuir nan toit as le gairgead an teas. Air do Fhearchar an dol am mach ’fhaicinn, rinn e comharradh a’ chroinn-cheusaidh, ach thionndaidh i chuige gu cas agus fraoch uirre, agus dh’eirich i gu a lan-airde nach robh barrachd air tri troidhean; mhothaich esan triobhualadh aig a chridhe oir is gann nach deach e as a chochull le amhluadh ’aisling, agus mar a bha a choslas air Bran, gu’n leumadh e an sas innte, (oir bha a dreach cho beag air agus a bha e air a mhaìghstir) rug e air fail-muineil a’ choin, agus thubhairt,— “Co thusa, a’ bhean?” “Is turusaiche eilthireach mise, coltach riut. Ach co thusa?” dh’ fhoighnich ise gu rocail. ‘An aithne dhuit an sean-fhacal againn ann an Lochabar,— “An ni a chuir na maoir gu ifrinnn, Farraid an ni a b’fhearr a b’aithne daibh.’ arsa Fearchar, agus e a toirt spairn trein air Bran a’ chasgadh, a bha dranndan agus a’ grunsgul rithe le feirg ghailbhich. A’ cluinntinn an t-sean-fhacail di, las a suilean le corruich as ur, agus dh’ fhas a cruth ni bu deiriche seach mar a bha e roimhe. “Oich, oich,” arsa esan gu duarmanach, “b’ fhearr leam an Donas fein seach a’ chaillich grannda so. Tha fasgadh agam gun teagamh; ach an uair a tha ise an lathair is ionann sin agus a’ bhith as a’ phoit anns an teine. Nam bu chaileag dhonn-shuileach i, bu mhoid mo bhreacan a roinn uirre. Ach a’ chailleach ghairisneach so—luidh, ’Bhrain, luidh!” ghlaodh e gu labharr agus an cu athach a’ toirt dian spairn ris an fhail, ionnus nach b’ fhurasda d’a mhaighistir a bhacadh o leumadh an aghaidh na baoibhe sgreitidh. “Am beil e caomh no uasail agad,” ars’ ise, “cu cho mi-mhodhail sin a’ ghleidheadh, no idir, cu a ghiulaineas e fein cho garg, borb sin, agus bean an lathair? Cuir am mach anns an stoirm e, fuarachaidh a’ ghaoth agus an t-uisge ’fhuil aingidh-san gu luath!” “Cha dean mi sin air chor sam bith, is braithrean Bran agus mise.” “Cuir am mach e,” sgreuch a’ chailleach,’ air neo thig na’s miosa air.” “Cha chuir, cha chuir, a’ chailleach,” fhreagair Fearchar, a’ dearcadh le aimheal air a’ bhaoibh oir cha robh e cinnteach an robh i air dol an airde o chionn tacain. “Tha do roinn fein de ar fasgadh agad, agus fhuair thu air biadh uile; ach a’ thaobh Bhrain a’ chuir am mach—cha teid sin a’ dheanamh—cha tigteadh as a eugmhais.” (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XXI. Thug an naigheachd air an righ a bhith ’gaireachdaich, ars’ am borobair, agus thuirt e rium, “Bi falbh dhachaidh; dh’ ordaich mise ni eiginn a thoirt dhut a ni suas an call a thainig ort an uair a chaill thu an deadh dhinnear ud” “A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa mise, “tha mi gu h-umhail a’ guidhe air bhur morachd gu’n leig sibh leam stad gus an innis mi dhuibh mu dheidhinn mar a thachair do m’ choignear bhraithrean eile.” Dheonaich an righ so a dheanamh, agus thoisich mi mar so:— Is e ainm an dara brathair a bh’ agam, Bacbara. Agus cha robh fiacail ’na cheann. Air dha ’bhith latha araidh a’ coiseachd troimh ’n bhaile, thachair seana bhean ris, agus thuirt e ris, “Stad tiotadh beag; tha facal no dha agam ri radh riut.” Stad e, agus dh’ fheoraich e dhith, ciod a bh’ aice ri radh ris. “Ma tha uine agad gu falbh comhladh riumsa, ars’ ise, “bheir mi thu do luchairt aluinn, far am faic thu an aon bhoirionnach a’s briagha air an do dhealraich grian. Bidh i gle thoilichte d’ fhaicinn. Bheir i dhut biadh is deoch cho math ’s a fhuair duine riamh. Cha ruig mi leas an corr a radh riut.” “Ach am bheil thu ’g innseadh na firinn?” arsa mo bhrathair. “Cha robh mi riamh a’ cleachdadh a bhith ris na breugan,” ars’ an t seana bhean. “Cha ’n ’eil mi ag radh diog riut ach an fhirinn. Ach stad ort, tha ni eiginn agam ri iarraidh ort. Feumaidh tu bhith faicleach, gun moran a radh, agus a bhith gle mhodhail.” Dh’aontaich Bacbara gu’n deanadh e mar a dh’ iarr i air. Dh’ fhalbh an t-seana bhean air thoiseach, agus lean esan i. Rainig iad geata na luchairt, agus b’ e sin an luchairt a bha aluinn da rireadh! Bha oifigich is seirbhisich gu leor mu ’n cuairt na luchairt. Bha cuid dhiubh an aghaidh mo bhrathair a leigeadh a steach, ach cho luath ’s a bhruidhinn an t-seana bhean riutha, leig iad leis a dhol a steach. An sin thionndaidh i ri m’ bhrathair, agus thuirt i ris, “Feumaidh tu ’chumail ’nad chuimhne, gur toigh leis a’ bhoironnach og an lathair am bheil mi ’g ad thabhairt, deadh nadar, agus modh; agus cha ’n fhaod thu facal a radh ’na h-aghaidh. Ma chordas tu rithe anns an doigh so, faodaidh tu a bhith cinnteach gu’n toir i dhut ni sam bith a dh’ iarras tu oirre.” Thug Bacbara moran taing dhi air son na comhairle a thug i air, agus gheall e gu’n deanadh e mar a bha i ag iarraidh air. Thug i steach e do sheomar mor briagha, agus an uair a dh’ iarr i air suidhe air langsaid, thuirt i ris dail bheag a dheanamh gus an rachadh i far an robh a’ bhean uasal og a dh’ innseadh dhi gu’n robh e air tighinn. Cha robh mo bhrathair riamh roimhe ann an taigh cho mor ’s cho briagha sid; agus bha e gu dluth a’ gabhail beachd air gach ni a bh’ anns an t-seomar. Agus bha e aig an am a’ smaointean gu’n robh e air dhuine cho fortanach ’sa bha beo, an uair a bha a’ bhean uasal og a bh’ anns an taigh an deis geall a ghabhail air. An uine gun bhith fada chuala e fuaim chas is cath bruidhne is gaireachdaich a’ tighinn a dh’ ionnsuidh dorus an t-seomar. Co bh’ ann ach a’ bhean uasal og, agus comhlan dhe na mnathan coimhideachd maille rithe. Ghrad dh’ aithnich e i am measg chaich, leis an urram a bha iad uile a’ nochdadh dhi. Bha i ’na boirionnach anabarrach briagha, agus bha ’n trusgan a bha uimpe air leith roimhach. Bha duil aig Bacbara gu’n tigeadh a’ bhean uasal a bhruidhinn ris gun neach sam bith comhladh rithe, agus chuir a’ mhor chuideachd a bha maille rithe ioghnadh air. Aig a’ cheart am bha na mnathan coimhideachd cho stolda ’s cho banail ’s a’ b’ urrainn a bhith. An uair a choisich a’ bhean uasal a dh’ ionnsuidh na langsaid air an robh mo bhrathair ’na shuidhe, ghrad dh’ eirich e, agus rinn e beic dhi. Dh’ iarr i air suidhe, agus thuirt i ris le fiamh gaire air a gnuis, “Tha mi anabarrach toilichte d’ fhaicinn, agus is e mo dhurachd gu’m faigheadh tu gach sonas is miannach leat.” “A bhaintighearna,” arsa Bacbara, “cha ’n iarr mise sonas a’s mo na bhith ’nad chuideachd fhein.” “Tha choltas ort a bhith ’nad dhuine eibhinn, agus a bhith cur seachad na h-uine gu cridheil,” ars’ ise Gun dail sam bith thug i ordugh do ’n luchd-frithealaidh biadh fhaotainn deiseil. Ann an uine ghoirid bha ’m pailteas de bhiadh math dhe gach seorsa air a’ bhord. Shuidh i fhein, na mnathan coimhideachd, agus mo bhrathair comhladh aig a’ bhord. Bha mo bhrathair m’ a coinneamh air an taobh eile dhe ’n bhord, agus a h-uile uair a bha e ’fosgladh a bheoil fhad ’s a bha e aig a bhiadh, bha ise ’toirt an aire nach robh aon fhiacail ’na cheann. Agus an uair a leig i ris do na mnathan-coimhideachd mar a bha, thoisich iad uile ri gaireachdaich. Bha Bacbara an drasta ’s a rithist a’ togail a chinn agus ag amharc air a’ mhnaoi uasail a bha m’ a choinneamh. Ged a bha e ga faicinn a’ gaireachdaich, cha do smaoinich e idir gur ann a’ deanamh cuis-mhagaidh dhe fhein a bha i. Ach is ann a bha e fad na h-uine a’ lan-chreidsinn gur e an toileachadh a bh’ oirre a chionn e fhein a bhith ’na cuideachd a bha ’toirt oirre a bhith ’gaireachdaich. O ’n a fhuair am beachd faoin so greim air an inntinn aige, bha e ’toirt air fhein a chreidsinn, gu’n cuireadh i air falbh na mnathan coimhideachd an uine gun bhith fada, agus gu’m biodh e-fhein ’s i-fhein ’nan onar anns an t-seomar. Thuig ise gle mhath an rud a bha ’na inntinn, agus gus an tuilleadh meallaidh a dheanamh air, bha i cho caoimhneil ’s cho comhraiteach ris ’s a b’ urrainn a bhith. A bharrachd air so, bha i ’cur gach ’na thairgse le ’lamhan fhein. An uair a chuireadh crioch air a’ chuirm, dh’ eirich iad o ’n bhord. Thoisich deichnear dhe na mnathan coimhideachd ri cluich air innealan ciuil, agus ri gabhail oran; agus thoisich cach ri dannsa. Gus an toileachadh, thoisich mo bhrathair ri dannsa mar an ceudna; agus bha bhean uasal a’ dannsa cuide ris. (Air a leantuinn air taobh 270.) [TD 268] [Vol. 7. No. 34. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 24, 1899. GNOTHUICHEAN CUDTHROMACH AN T-SAOGHAIL. MÒRAIR HERSCHELL. Tha tuireadh trom ann an Canada ’s ann am Breatunn an diugh, do bhrigh gu do chaochail gu h-obann ann an Uashington, am Morair Herschell. Is e mac ministeir a bha ann. Bha e ’na fhear lagha comasach agus foghluimte. Dh’ eirich e le gach dealas ’us durachd ’us onoir a nochd e, gus an inbhe ’s airde ann am Breatunn a’s urrainn fear lagha ’fhaotainn no mhealtuinn. Bha tuigse ’s gliocas ’us eolas ’us breithneachadh sonruichte aige. Ann am meadhon an fhogharaidh an uiridh, thainig e thar a’ chuain a chum comhnadh a thabhairt do na buill eile de ’n chuideachd a chaidh a roghnachadh airson cuisean a cheartachadh le cuideachd de dhaoine ealanta anns na Staidean,—cuisean a bha ’s a tha fathast ann an dragh ’s an iomaguin eadar Canada ’us na Staidean. Bhuineadh e do ’n Mhorair Herschell aire chinnteach a thabhairt do gach ni ’s coir air am bheil sealbh sonruichte aig Breatunn. Bha e ’deanamh deas airson tilleadh gu ’dhachaidh fein, an trath a thainig am bas air. Tha mi ’faicinn gu ’n do thairg luchd-riaghlaidh nan Staidean long-cogaidh a chur thar a’ chuain le corp a’ Mhorair Herschell, a bha measail ’us cliuiteach ’us onorach riamh. CANADA AGUS NA STAIDEAN. Tha ’n sgeula muladach air feadh na tire ’nis, nach deachaidh cumhnant air bith a dheanamh eadar Canada ’s na Staidean; agus mar so, nach tainig brigh no maith mor air bith bho gach coinneamh ’us deasboireachd ’us reusanachadh a bha aig an da chuideachd ann an Cuebec agus ann am baile mor nan Staidean. Tha e cosmhuil gu do sgaoil an da chuideachd gun chumhnant air bith a dheanamh gu fogharadh na bliadhna so. Cha ’n ’eil e ceart no laghach a bhi ’caineadh no ’diteadh cuideachd Chanada gus an cruinnich a’ Pharlamaid ann an Ottabha, ’s gus an cluinn sinn bho Laurier ’us bho Chartright gu de ’rinn iad, agus gu de ’tha aca r’a thaisbeanadh airson na h-uine fhada ’bha iad air falbh bho ’n obair chudthromach fein, leis an dochas gu faigheadh iad sochairean fiachail bho na Staidean. Tha na Staidean an diugh mar a bha iad riamh—feineil, gear ’us dileas airson an leas fein; agus dichiollach anns an oidheirp gu faigh iad a chuid gu fada ’s fhearr anns gach cordadh a ni iad ri Canada. Thig e dhuinne ann an Canada ’bhi daonnan ann an dluth-chairdeas agus ann an daimh laidir ris na Staidean; oir, tha sinn ’n ar coimhearsnaich bho aon chuan beucach gu cuain samhach eile. Thog na Staidean balla ard, tiugh, diongmhalta ’chumail a mach malairt an t-saoghail gu leir, mar teid cis ard a phaigheadh air a shon. Tha margaidhean Bhreatunn saor agus fosgailte do gach rioghachd ’us fine. Tha na Staidean a’ faotainn margaidh saoir ann am Breatunn airson gach cruinneachd ’us peasair ’us eorna ’s coirce ’s feola ’s urrainn iad a sheachnadh, ach cha leig na Staidean do bhathar no do innleachd air bith tighinn bho Bhreatunn g’ an criochan fein gun cis throm a phaigheadh. Thig e dhuinn anns an duthaich so stad de ’r n-amaideachd ann a bhi ’guidhe air na Staidean cumhnant a dheanamh leinn am feadh a tha aca cheana buannachd gu fada ’s modha na tha againne. Tha Ceann-suidhe nan Staidean agus a luchd comhairle ’faireachduinn gu cinnteach gu bheil an sean-fhocal fior araon ann an Cuba, ’s anns na h-Eileanan Philippianach, “Is dan an coileach air a dhunan fein.” Cha ’n e idir stri ’us spairn ’us greadhnachas nam balachan a bhitheas aca, mun bi sith ’us seasgaireachd ’us soirbheachadh taitneach anns an dileab a fhuair iad bho na Spainntich. BREATUNN AGUS A MUIRICHINN. Is e mathair phroiseil, shona, aighearach a tha ’n diugh ann am Breatunn; oir, tha ’mhuirichinn araon laidir ’us lionmhor ’us tapaidh ’us dileas anns gach cearna de ’n t-saoghail. Tha clann Bhreatuinn ann an Canada, ann an Australia, ann an ceann mu dheas Africa, agus ann an iomadh cearna eile, dileas d’a mathair stuama, thlath, eireachdail, agus deigheil air cairdeas a’s modha ’s a’s dluithe a bhi aca leatha anns gach malairt ’us marsantachd, anns gach feachd ’us cabhlach, anns gach ionmhas ’us ughdarras ’us moralachd. Feumaidh Breatunn dol gach bliadhna do dhuthchannan ceine airson cuibhrionn mhoir de ’n bhiadh a bheathaicheas an sluagh ro-lionmhor a tha ’gabhail comhnuidh ann. Is maith is urrainn do chlann Bhreatuinn an ear ’s an iar, biadh gu leoir a thogail ’s a thabhairt seachad airson clann a mathair ’na tir ’us ’na dachaidhean fein a chumail suas agus a neartachadh airson gach innil ’us ealdhaine ’dheasachadh agus a chur ann an uidheam bhoidheach, sgeanail. Cuireadh luchd-riaghlaidh Bhreatuinn eadhon cis bheag air gach cruinneachd ’us eorna ’thig bho na Staidean ’us bho thirean cein ’us feineil eile; ’us leigeadh iad do gach biadh ’us feoil ’us grainne ’us im ’us cais ’us fiodh ’us ubhal a dh’ fhaodas tighinn bho Chanada, ’s bho Australia, ’s bho gach aite anns am bheil clann Bhreatuinn a’ tuineachadh agus a’ saoithreachadh, tighinn do mhargaidhean ’us do bhailtean mora ’s do dhachaidhean arda ’s iosail Bhreatuinn gun chis, gun airgiod no grabadh air bith. Agus air an laimh eile, ceannaicheadh clann Bhreatuinn,—Canada ’s gach mac ’us nighean eile—gach ni ’tha ’dhith orra bho Bhreatunn. Thugadh iad aoidheachd dhileas, onorach do gach bathar ’us malairt ’us ealdhain a tha sluagh innleachdach agus dealasach am mathar a’ sniomh agus a’ cur ann an uidheam ghrinn, shnasmhor. Cuireadh clann Bhreatuinn cis bheag no mhor air gach malairt ’us ealdhain a thig bho thirean eile; ’s thugadh iad a’ cheud aite ’n an cridhe ’s ’n am malairt do gach ni ’ghabhas faotainn ann an innleachd iomadach Bhreatuinn fein. Air an doigh so, an uair a bhitheas a’ mhathair agus a muirichinn ghasda, dhileas, dheanadach, le gradh ’us speis iomchuidh a’ nochdadh ceartais ’us caoimhneis ’us aoidheachd d’a cheile anns gach malairt ’us gach creic ’us ceannach, fasaidh rioghachd uasal Bhreatuinn ni ’s modha, ni ’s oirdheirce, ni ’s seasmhaiche, ’s ni ’s beartaiche. Ma bhitheas sinn ann an airc no ann an cunnart air bith, thig feachd ’us cabhlach Bhreatuinn gu luath a dheanamh comhnadh leinn ’us a thabhairt fuasgladh dhuinn. Deanadh luchd-riaghlaidh Chanada, mata, ’n culaidh mhaitheis, ann an ceanglaichean a’s fhearr ’s a’s treise ’chur an ordugh a chum Breatunn agus Canada ’nasgadh ri cheile anns gach malairt ’us marsantachd. Gabhadh nan Staidean an slighe fein; ach thugadh iad fainear nach faigh iad tuille ’chuid a’s fearr anns gach ceist a dh’ fhaodas teachd mu luach eisg ’us mu phris ’us mu shealbh fearainn thall no bhos. CONA. SEUMAS II., RIGH NA H-ALBA. Thainig Seumas II., do righ-chathair na h-Alba an deigh bas ’athair Righ Sèumas I. ’sa mhios Gearran 1437. Cha robh e aig an àm sin ach seachd bliadhna dh’ aois, agus chaidh gnothaichean na rioghachd a stiùreadh le Creichton, a bha aon dhe na riaghlairean aig Righ Sèumas I., agus Alasdair Mac Dhunleibhe; ach cha do chord a dithis seo nam beachdan a thaobh na rioghachd, agus mar sin ghabh an darna chuid dhe ’n t-sluagh taobh an darna fir, agus an corr taobh an fhir eile. ’Nuair a bha ’n righ og sean gu leòir airson gnothaichean na rioghachd a ghabhail ’na làmhan fhèin, leig e fhaicinn d’a shluaigh uiread tapachd agus treunachas gun robh diul aca ri rioghachadh deanadach fhaicinn. Chuir e eagal air, agus cha mhòr nach do chuir e crìoch air teaghlach làidir na Dubhghlasaich, a bha deanamh tàir air crùn na h-Alba cho fada. Mharbh e an t-ochdamh Iarla dhiubh le a làimh fhein an Caisteal Sruithliadh, bho nach bristeadh a suas an còrdadh ceannairceach a bha eadar e fhein agus iarlachan Crawford agus Rois. Fhuair e cead bho’n Pharlamaid le achdan a rinn tuillidh bristeadh air neart nan morairean na fhuair righ sam bith a chaidh roimhe. A rèir iad seo, chaidh òighreachdan farsuing uile aig na Dubhghlasaich a cheangail do’n chrùn, agus bha achd sam bith a chaidh roimhe, agus fearann sam bith, air a deànamh diomhain. Chaidh Seumas II. a mharbhadh lo sgàineadh gunna mòire aig séisd Rocsborgh, air an treas la dhen mhios Lunasdail 1460, aois 30 bliadhna. Tha an t-side a nise tionndadh blàth; cha’n fhada gus am bi fuachd a gheamhraidh air ar fagail gu buileach Am Feillire. MART, 1899. 1 Di-ciaduin Bàs Néill Ghobha, 1807. 2 Dior-daoin Breth Prionnsa Tearlach 1720. 3 Di-haoine 4 Di-satharna Bàs Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1790. 5 DI-DONAICH 6 Di-luain Faotainn uaigh Bhruis, 1818. 7 Di-mairt 8 Di-ciaduin An fhéill Dhuthaich. 9 Dior-daoin Bàs Uilleam Guthrie, 1770. 10 Di-haoine Bàs Ailein na Earrachd, 1828. 11 Di-satharna An fhéill Chuinn. 12 DI-DONAICH IV Donaich dhe’n Charghus. 13 Di-luain Bàs Uilleam Dhuinn, 1849. 14 Di-mairt 15 Di-ciaduin Glacadh Lucknow, 1808. 16 Dior-daoin 17 Di-haoine An fhéill Phàdruig. 18 Di-satharna 19 DI-DONAICH V Donaich dhe ’n Charghus. 20 Di-luain Séisd Inbhirlòchaidh, 1746. 21 Di-mairt Breith Dhonnachaidh bhàin, 1724. 22 Di-ciaduin 23 Dior-daoin 24 Di-haoine 25 Di-satharna Bàs Uilleam Hamilton, 1754. 26 DI-DONAICH An fhéill Muire. 27 Di-luain Di-donaich nam Pailm. 28 Di-mairt Bàs Righ Seumas VI, 1625. 29 Di-ciaduin Bàs Sheumais Logain, 1872, 30 Dior-daoin 31 Di-haoine Di-haoiné na Ceusda. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 53 F An Solus Ur, L. 11, U. 3, M. 39 F A’ Cheud Chairteal L.18, U. 11, M. 10 F An Solus Lan, L. 27, U. 2, M. 4 M [TD 269] [Vol. 7. No. 34. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha banca ur ri bhi air fhosgladh anns a bhaile an uine ghoirid, meur de ’n “Chommercial Bank of Windsor.” Tha e ri bhi air fhosgladh anns an stor aig W. E. Peters. Chaidh poit-dhubh a ghlacadh faisg air baile Chuebec air an t-seachdain s’a chaidh. Bha roinn mhor do dh’ uisge-beatha air a ghlacadh cuideachd; b’ fhiach gach ni a bh’ ann mu dha mhile dolair. Bha sneachda trom aca ann an cuid do na Staitean air a gheamhradh. Ann aon aite an stait Wyoming, bha an carbad-iaruinn an sas fad corr us mios, agus cha d’ fhuair e air an t-slighe gu deireadh na seachdain s’a chaidh. Rainig an soitheach-smuide Bruce Sidni Tuath Di-mairt. Fhuair i taire mhor anns an deigh air an turus so. Bha i ri faicinn fad dha no tri lathaichean mu’n d’ fhuair i stigh, ’si gun chomas a dhol air ais no air adhart ach mar a ghiulaineadh an deigh i. Bha luchd mor a feitheamh oirre aig Sidni Tuath. Tha fear Ioseph Dennis an sas ann am Montreal air son gniomh bruideil. Chaidh e fhein us bantrach a bha fuireach faisg air bhar a cheile, agus anns an troimhe-cheile bh’ aca dhoirt esan lan poite do dh’ uisge goileach air nighean bheag na bantraich, aois cheithir bliadhna. Bha i air a scaldadh cho dona ’s gu ’n do chaochail i anns an ospadal an uine ghoirid. Tha Mr. I. F. Forbes, ministeir St. Andrews, a bha gu tinn o chionn dluth air da mhios, air falbh an cuairt an dochas gu ’n dean atharrachadh side a slainte aiseag dha. Tha e ri fuireach comhla ri bhrathair, am Breitheamh Forbes, ann an St. John, N. B., beagan uine, agus as a sin theid e gu ruige Boston agus bailtean eile anns na Staitean. Tha duil ri e bhi air ais agus a searmonachadh mu Bhealltuinn. Tha sinn an dochas gu’n dean a thurus feum dha, agus gu’m bi e cho slan ’sa b’ abhaist dha an uine ghoirid. Di-satharna s’a chaidh dhiult mu dha cheud ’s tri fichead de na meinneadairean ann an Sydney Mines, a dhol a dh’ obair. ’Se b’ aobhar dha sin gu’n d’ rinneadh fiosachd le seana bhean gu robh call uamhasach ri bhi air a dheanamh anns a’ mheinn air an latha sin. Dh’innis i gu’m biodh an toiseach gille air a ghoirteachadh, an ceann beagan lathaichean gu’m biodh duine air a mharbhadh, gu’m biodh an deigh sin each ban air a mharbhadh, agus tri latha ’n deigh sin gu’m biodh spraidheadh mor anns a mheinn. Chaidh an gille ghoirteachadh, ’s an duine ’s an t-each a mharbhadh, agus b’e Di-satharna an latha air son an spraidheidh, ach cha do thachair e. Thatar ag radh gu’n d’ rinn an t-seana-bhean cheudna fiosachd mu’n chall mhor a rinneadh ann am meinn Springhill beagan bhliadhnaichean air ais, ma tha sin fior cha’n iongantach ged a bhiodh eagal air na daoine dhol a dh’ obair. Chaidh bristeadh a stigh do stor ann an Sheet Harbor, N. S., aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh fiach da mhile dolair a ghoid, eadar bathar us airgead. Tha ’n factoridh bhrog, a tha ’g obair o chionn aireamh bhliadhnaichean ann an Sidni Tuath, ri bhi air a toirt gu Pictou. Tha baile Phictou a toirt coig mile dolair mar chuideachadh do mhuinntir na factoridh. Tha sinn a cluinntinn gu bheil na “Mormons” air tolladh a stigh eadhon ann an Nobha Scotia. Ann an Rawdon, an siorrachd Hants, tha iad an deigh “eaglais” a thogail. Cha ’n eil an aireamh anns an aite sin ach gle bheag, ach cha bu choir an leithidean a bhi ann idir. Chaidh Tigh-osda Windsor, ann an New York na theine seachdain gus an diugh, agus chaidh eadar coig deug us fichead a losgadh gu bas ann. Chaidh aireamh mhor, eadar leth-cheud us tri fichead a leonadh. Thoisich an teine beagan an deigh tri uairean feasgar, agus cha b’ urrainn daibh casg a chur air. Bha moran nach d’ fhuaireadh an cuirp gu feasgar an ath latha. Sgaoil an teine cho ealamh ’s nach d’ fhuair iadsan a bha stigh cothrom air teicheadh. Tha Ard-Pharlamaid Chanada a nis na suidhe; dh’ fhosgladh i leis an ard-riaghladair, Morair Minto, seachdain gus an de. Cha d’ rinneadh a bheag fhathast ach an oraid o’n chathair a leughadh agus a chnuasachadh, agus mar sin cha ’n eil moran ri innse. Tha na ceannardan air gach taobh dhe’n tigh a labhairt gu math searbh mu cheile, na’s seirbhe na leigeadh iad a leas, a reir a barail-ne. Cha ’n eil caineadh no gearradh-cainnte a chum moran feum anns a pharlamaid no an aite sam bith eile. Tha Sir Wilfred Laurier an deigh innse do’n duthaich nach eil roimh ’n Riaghladh lagh-bacaidh a dheanamh a thaobh stuth laidir. Tha iad a gabhail mar leisgeul air son sin nach do bhot gu leor dhe’n t-sluagh air a chuis ’nuair a thugadh cothrom dhaibh, nach biodh e gu feum sam bith lagh a dheanamh gun a mhor-chuid de’n t-sluagh a bhi gu laidir air a shon; a bharrachd air sin gu bheil muinntir Chuebec gu laidir an aghaidh bacaidh, agus nach biodh e ceart a sparradh orra ge b’ oil leotha. Tha cairdean stuaime, air an laimh eile, ag radh nach coir iadsan nach do bhot air taobh seach taobh a chunntas idir na’s mo na chunntar iadsan nach bhot aig taghadh luchd-parlamaid; gu bheil an sluagh deiseil air son lagh-cacaidh agus gu’m bi e cheart cho soirbh a chur an gniomh ri lagh na cusbuinn agus laghannan eile dhe’n t-seorsa sin; agus gu bheil e cho ceart lagh-bacaidh a sparradh air Cuebec ’sa tha e a chumail bho na roinnean eile a chionn nach eil Cuebec air a shon. ’Si bharail a tha fas gle chumanta measg dhaoine nach eil an riaghladh a dol a bhuanachd moran le diultadh bacadh a chur air reic stuth laidir. Ann an Ontario thatar a bruidhinn air pairtidh ur a chur air chois. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 270] [Vol. 7. No. 34. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 267.) An uair a thug iad greis mhath air dannsa, shuidh iad a leigeadh an analach. Thug a’ bhean uasal ordugh fion a thoirt ’s an lathair. Sheall i le fiamh gair air mo bhrathair, mar gu’m biodh i toileach a leigeadh fhaicinn dha, gu’n robh i ’dol a dh’ ol glaine fhiona air a shlainte. Dh’ eirich e as an aite ’s an robh e ’na shuidhe, agus sheas e fhad ’s a bha i ’g ol an fhiona. An uair a bha i deas, an aite ’ghlaine shineadh seachad, is ann a dh’ ordaich i a lionadh a rithist, agus thug i do m’ bhrathair i le a laimh fhein, a chum gu’n oladh e i air a slainte. Rug mo bhrathair air a’ ghlaine as a laimh, agus phog e an lamh a thug dha a’ ghlaine. Agus anns an t-seasamh bonn, dh’ ol e air a slainte. ’Na dheigh sin thug i air suidhe ri ’taobh, agus thoisich i ri briodal ris. Chuireadh i a lamh an drasda ’s a rithe air cul a chinn, agus bheireadh i riobadh air an fhalt aige. Bha ’n obair so a’ cordadh ris anabarrach math. Bha e ’smaointean gu’m b’ e fhein an aon duine bu shona a bh’ air an t-saoghal. Bha fior thoil aige teannadh ri briodal rithe; ach o ’n a bha na h-uiread de mhnathan oga eile ’s an t-seomar comhladh riutha, cha robh de mhisnich aige na chuireadh a lamh oirre, gu h-araidh o ’n bha na mnathan oga ’gaireachdaich gun fhois. Bha ’bhean uasal og a’ sior riobadh a chinn; ach mu dheireadh thug i buille bha ann an toll na cluaise a thug air gu’n do ghabh e a fhearg. Thainig ’fhuil ’na aodann, agus dh’ eirich e as an aite ’san robh e ’na shuidhe, agus shuidh e far nach ruigeadh a lamh. Bha ’n t-seana bhean a thug do ’n taigh e ’na suidhe ’s an t-seomar; agus sheall i gu gruamach air, mar gu’m biodh i toileach a leigeadh ris dha, gu’n d’ rinn e gnothach cearr an uair a dh’ eirich e o thaobh na mna uaisle. Thuig e ciod a bha i ciallachadh; agus a chum nach tugadh e aobhar oilbheum do neach dhe na bh’ anns an t-seomar, shuidh e rithist dluth air a’ mhnaoi uasail, agus bha e ’leigeadh air nach b’ ann le mialachd a dh’ eirich e air falbh idir. Rug a’ bhean uasal og air ghairdean air, agus tharruinn i dluth dhi e. Thoisich ri ’toirt bhideagan goirt’ as, gus an robh na bha de dh’ fheoil air a’ tochdadh o chnaimh. Thoisich na mnathan coimhideachd ri deanamh culaidh-mhagaidh dheth mar an ceudna. Thug te dhiubh buille ’s buille dha mu’n t-sroin a thug air na deoir a bhith ’sruthadh o ’shuilean; bha te eile a’ dradhadh a chluasan; mar gu’m biodh toil aice an spionadh o’n chlaigionn aige; agus bha feadhain eile dhiubh a’ gabhail dha leis na duirn, mar gu’m biodh toil aca a h-uile cnaimh a bh’ ann a phronnadh ’na chraicionn. Ghiulain mo bhrathair leis a h-uile droch dhiol a bha iad a’ deanamh air le foighidin a chuireadh ioghnadh air duine. Mu dheireadh sheall e air an t-seana mhnaoi, agus thuirt e rithe ’s e ’feuchainn ri gaire dheanamh, “Dh’ innis thu dhomh gu’m biodh a’ bhean uasal anabarrach caoimhneil, aoidheil, ceanalta rium; agus tha mi gle fhada ’nad chomain!” “Is suarach sid seach na bheil fhathast a’ feitheamh ort; chi thu rud no dha eile an uine gun bhith fada,” ars’ an t-seana bhean. An sin thuirt a’ bhean uasal ris, “A bhrathair, is e duine treun a th’ annad. Is toigh leam an doigh chridheil, chairdeil, thlachdmhor anns am bheil thu ’giulan leis na cuireadan a tha mi ’deanamh.” Chord na briathran so anabarrach math ri Bacbara, agus thuirt e, “A bhaintighearna, tha mise air mi fhein a chall buileach glan leis mar a ghoid thu uam mo chridhe le do bhriodal ’s le do chuireadan. Faodaidh tu do thoil a deanamh rium a nis.” “Is mi tha fada ’na do chomain air son cho umhail ’s a tha thu dhomh,” ars’ ise. “Tha thu ’cordadh rium gle mhath, agus tha mi ’n dochas gu’m bheil mise ’cordadh riut fhein. Thugaibh ’g a ionnsuidh olla chubhraidh agus uisge nan ros. Dh’ eirich dithis dhe na mnathan coimhideachd am mach, as an t-seomar, agus an ceann toitaidh thill iad a steach. Bha alos aig te dhiubh ann am bocsa airgid, agus bha uisge nan ros aig an te eile; agus an uair a dh’ ung iad e leis an olla chubhraidh, chrath iad uisge nan ros air. Cha mhor nach do chuir so mo bhrathair air mhearainn buileach glan. ’Na dheigh so, thug a’ bhean uasal ordugh do ’n fheadhainn a bha ’seinn a’ chiuil ’s a’ gabhail nan oran, toiseachadh a rithist. Rinn iad mar a dh’ aithn i dhaibh. Aig a’ cheart am thug i ordugh do the eile, mo bhrathair a thoirt leatha, agus, an uair a dheanadh i ris a mar a thogradh i, i ’g a thoirt a steach a rithist do ’n t-seomar. Cha bu luaithe ’chuala mo bhrathair so na ghrad dh’ eirich e ’na sheasamh, agus thug e ceum an null far an robh an t-seana bhean, agus ghuidh e oirre, gu’n innseadh i dha ciod a bha iad gus a dheanamh ris. Thuirt an t-seana bhean ris gu beag. “Tha toil aig mo bhanamhaighstir d’ fhaicinn air d’ eideadh ann an deise borionnaich; agus tha ordugh aig a bhean-choimhead so do mhalaidh a dhath agus a h-uile rioba feusaig a thoirt dhiot; agus deise borionnaich a chur umad.” (Ri leantuinn.) Mi-bhuileachadh Tim. Bha fionnan-feòir ann roimhe so, a bhuilich làithean an t-sàmhraidh ann am faoin shùgradh, leis nach d’ rinn e solar iomchuidh arson a lòn geamhraidh. Bha e ’an cunnart dol bàs le gorta, gun ni air bith aige a dh’ itheadh e. Anns an airc so rinn e ghearan ris an t-seangan, a chionn gum b’ fhiosrach e gun robh am pailteas lòin aige-san, agus dh’ asluich e caileiginn fhaotainn uaithe, a chumadh beò e, gus an d’ thigheadh an t-Earrach; a gealltuinn gu fìrinneach gun ath-dhìoladh e a chomain. Cha bu deòin leis an t-seangan riamh a bheag a thoirt seachad an iasad. Tha ’n seangan do ghnà cruaidh neo-thabhartach. Thuirt e ris an aon eile, “Ciod a bha thu deanamh fad an t-samhraidh?” “Bha a’ mireag agus a’ gabhail òrain”—ars an seangan—Ro mhaith—Tha uait a nis dol a dhannsa. Is ann mar so a bhios iadsan a mhi-bhuilicheas àm na h-òige, cha deanar ach tàir agus magadh orra ann an là na h-airc. AITE COBHAIR. Labhair an t-Urr T. C. Mellor, Rural Dean, Christ’s Church Rectory, Guysboro, N. S., mu K. D. C., o chionn ghoirid, anns na briathran a leanas: “Tha mi gle thoilichte bhi comasach air teisteannas a thoirt mu luach K. D. C., airson cion-cnamhaidh. Bha mi fulang le droch stamaig, ach leighis K. D. C. mi. ’Nuair a dh’ fhairicheas mi e tuilleadh rium, gabhaidh mi K. D. C. agus leighsidh e mi gun dail. Molaidh mi K. D. C. ge b’e àite ’n teid mi.” An urrainnear dearbhadh a’s fhearr na so iarraidh. Tha sinn ag radh gur e K. D. C. an leigheas a’s fhearr a th’ ann air cion-cnamhaidh. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air tinneasan-cuim, agus ma ghabhar iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. SEANN STAMPAICHEAN. PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad. A. McPHAIL, Orangedale, C. B. Dec. 9, ’98. 6m. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 271] [Vol. 7. No. 34. p. 7] HISOP NAN SGRIOBTUR. Tha ’na hisop air a h-ainmeachadh san Scriobtuir, mar aon de na luidhibh is lugha. Tha a blas garg; agus tha i ’fàs air na slèibhtibh a tha dlù do Ierusalem. Tha e cosmhuil gun robh glacaid de’n luibh so, a chruinnicheadh fogus do’n Chrann-cheusaidh, air a bogadh ann am fion-geur, a chàireadh ri bilibh tartmhor an t-Slanuighear, a bha ’n gleachd a bhàis. No dh’ fheudta gur i ’n hisop a dh’ ainmich Eoin, ris an dubhairt Mata agus Marcus cuilc, a bh’ ann. Ri àm an lagha, bha an hisop gu tric air a gnàthachadh chum glanaidh, mar inneal-crathaidh, no am meadhon glanaidh a bha iad a’ cleachdadh.—’Nuair a thainig sluagh Israeil a mach as an Eiphit, dh’ àithneadh dhoibh bad hisoip a ghabhail, agus a thumadh ann am fuil an uain-chàisg, agus a crathadh air an àrd-dorus, agus air an dà ursainn. Air uairibh chuir iad bad de chlòimh sgàrlaid maille ris an hisop. Bha i mar an ceudna air a gnàthachadh ann an crath-ghlanadh nan lobhar. Tha ’n hisop fior fhreagarach do’n fheum sin. Tha i fàs na badaibh dùmhail air an aon chois’. Tha i mu throidh gu leth air àirde; tha i ’giulan blàth air mullach na slaite, air dath liath-ghorm, cosmhuil na dreach ri dias arbhair. Chaidh dithis dhaoine a ghlacadh ann am Musguodoboit Di-mairt, air amhrus gu’m b’ iad a bhrist an stor ann an Sheet Harbour, air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuaireadh ceithir cheud dolair de dh’ airgead air fhalach air na daoine so anns na saibhlean. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. ADAN! BONAIDEAN! THA Floiri Nic Fhionghain a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg. ADAN, BONAIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, GEUGAN. agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU’N TAGHAIL THU. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C.B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 272] [Vol. 7. No. 34. p. 8] Aoir AIR ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR. Cha deic fhad ’s a tha mi ’g éisdeachd Ris an isg a tha gam chaineadh, Cuim’ nach innsinn pàirt de’n fhirinn, Ged nach d’ rugadh am fhior bhard mi; Tha suilean agam gu faicinn ’S cluasan gu claisdeachd mu d’ ghnàthan, ’S fhuair mi mar theisteanas riamh ort Gum b’ fhear thu nach b’ fhiach ad nadur. ’S tu màgan cealgach na dige ’S tu an losgan litheach, tàrr-ghlas, ’S tu an t-seilcheig shleamhuinn, stigeach ’S tu snag mhillteadh, dhe’n a chànrain; ’S tu famh gionach an dian bhùraich ’S tu bratag lubach an fhàsaich, ’S tu ’m partan o’n duilich a spionadh Aon ni a’ t’ ingnean a thàrras. Thar gach éisg ’s tu ’n dallag mhùgach, ’S tu bhiast-shiubhlach, ’s tu mac-làmhaich, ’S tu am borc, air loin a bhreuntais, ’Bhiodh a shron na ’chéir tri ràidhean; ’S gur tu mhail do’n ainm a gheur-lann; ’S olc an treud a tha dhuit cairdeach. ’S mur bhith gràin do chàirdean fhéin ort, Cha deanainn-sa, ’bhéist, do chaineadh. Cha ’n ioghnadh ged bhiodh ort gorta, ’S nach ann gad chosnadh a tha thu, ’S tric thu gun bhiadh, gun aodach A donnalach air aodann chairdean; ’S iomadh la on bha iad sgìth dhiot Gur a tric thu sgriobadh pairt diu, ’S iad a guidhe bàis gun lochd dhuit Mun déid do chrochadh mu’n mhèirle. Rinn thu d’ chridh’ air t’ athair dìmeas ’S dh’ amhairc thu sios air do mhathair; Bhrisd thu ’n seanachas a tha sgriobhte ’N dèidh a dhionachadh ’s na h-àithntean; Thug thu mionnan air a Bhiobull Nach b’ fhearr do shìnnsir na Sàtan, ’S bhrath thu iad air bheagan cùinnidh Mar rinn Iùdas air a Shlànuighear. ’Bhliadhna sin thainig am Prionnsa, Bu shiubhlach thu anns gach àite, Ad chlach-bhalg air feadh na dùthcha, ’G iarraidh orr’ tionndadh le Tearlach. Ach cho luath ’s a thug e chùl riut, Thionndaidh an cu ri sheann nàdar, Cha b’ e ’n creideamh ach am brosgul, ’Chuir a ghiulan crois a phàp thu. Rinneadh an aoir sgaiteach so leis an Aireach Mhuileach. Bha e-fhein us Mac Mhaighstir Alasdair gu math searbh an aghaidh a chéile; ach cha ’n eil dearbhadh sam bith againn gu ’n do chuir Mac Mhaighstir Alasdair cùl ri Prionnsa Tearlach mar a tha esan a fagail air. Bha e dileas do ’n Phrionnsa gu latha bhàis. Oran a’ Bhonn-a-sia. LE IAIN MAC CODRUM. Soraidh slan do ’n duin’ uasal, Thug dhomh an duais nach robh mìothar, ’N deigh do’n ghrein dol ’na luidhe ’S greis air tighinn de ’n oidhche; Gus ’n do rainig mi ’n teine Mo chridhe mire ri m’ inntinn, Ann an duil gur e guinea A rinn an duine dhomh shìneadh. Haoi o haoiri horo thall, &c., &c., Cha cheil mi air cach, Nach ’eil am bàidse leam gann. Rinn mi fichead troidh square Agus barrachd a sgrìobadh, Urrad eile ’s ni ’s modha De mhodhanna sìobhalt’; A’ faighneachd le onoir Ciod am moladh a b’fhiach e. ’N uair a chunncas am baidse ’S ann bu nàr e rì’ a innse. B’ ann ’s an tigh air a’ laimhrig Fhuair sinn tearmad na h-oidhche, Dh’ fhaighneachd Aonghas Mac Aulaidh “Ciod a th’ ann a cheart rìribh?” Thuirt mi fhìn gu’n robh guinea Gun aon sgillin a dhìth air, Labhair esan gu socair “’S còir dhuit botal thuirt dhuinn deth.” Thuirt mi fhìn le guth fosgarr’ ’Uam am botul beag spìocach, C’uim’ a bhith’mid ri bhochdainn C’uim’ nach cosgamaid pìnnt dheth? Falbh thusa, bi tapaidh, Thoir an clachan ud shios ort, Gabh rathad na Leacaich Fàg do chaisbheairt, cuir dhiot e.” ’N uair a ràinig e Teàrlach An àraidh nach dolach, A bha ’shliochd nan daoin’ uaisle Do ’m bu dualach an onair; ’N déigh na botail a lìonadh ’S ann bhi trìlleadh an donais, ’N uair a dh’ fheuchadh am bàidse Bha dà fhàirdein ’s a’ sporan! ’N sin leag Teàrlach a mhala ’S thug e criothnachadh mòr dh’i, “Cha robh mise ’m bhall bùirte Bho ’n là ghiùlain mi còta; Bonn-a-sia air son guinea Cha ghabh duine tha beò e, Fhaic thu cùineadh na Ban-righ ’S dealbh na clàrsaich fo th—n air.” Labhair Aonghas an tràthsa, “’S ann tha nàire sin dòmhsa, Na bi rithist ’ga thumadh ’Sinn ’n ar urrachan còire; Far a faighte’ duin uasal Cha b’ e Ruairi an dròbhair, ’S mar a deachaidh mi mearachd Gur a balach gu bhròig e. “’N uair chluinneas Tormod a Uinis, Agus Uilleam a Os e, Tormod eile ’s a’ Siorram, Far an cruinnich iad còmhlath; Their iad féin nach duin’ uasal A thug uaith as a dhòrn e, Ach fior sheamanach balaich Fear gun aithne gun eòlas. Their Fear-fearann an Léigh, “Tha mi ’g éisdeachd ni ’s leòr dheth. Thig an gnothach gu solus, Le onoir ’s le còmhdach; ’S maith a dh’ aithneadh e ’n copar, Air a shocair fo mheòirean, Ach chuir an donas glas-làmh air, Mar tha meirleach fo chordail. “’S tim dhuinn nis bhi dol dachaidh Gus ar cairtealan còire, Sinn gun dram gun tombaca, Gun dad againn a dh’ òlas; Bonn-a-sia eadar ochdnar, Cha bu choltach an lòn e, Dh’ ith e féin a mhin choirce, ’S cha d’ thug moisean dad dhomhsa!” Bha tuathanach a mhuinntir an Eilein Sgiathanaich—Ruairidh Mac Leoid—a ceannach cruidh ann an Uidhist; agus ’nuair a bha e ’gan cur air bòrd an t-soithich gus an aiseag air falbh, fhuair e Iain Mac Codrum agus feadhain eile gus a chuideachadh. Nuair a bha ’n obair sin deiseil, ’sa chaidh na siùil a thogail, beul anmoch na h-oidhche, chuir Mac Leoid bonn airgeid an laimh Mhic Codrum. Shaoil leis a bhàrd gu ’m b’e bonn guinea a bh’ ann, agus air ball chuir e dh’ iarraidh uisge-beatha; ach ’nuair a rainig an teachdaire ’n tigh-òsda ’sa thug e ’m bonn fa chomhair an t-solais, cha robh ann ach bonn-a-sia! ’S e sin a dh’ aobharaich an t-òran a bhi air a dheanamh; agus ma ’s ann dha dheòin a rinn Mac Leoid an eucoir, bha aithreachas a chridh’ air nuair a chual’ e bhi seinn an òrain anns gach cearna de ’n dùthaich. Tha Parlamaid Nobha Scotia ’na suidhe fhathast, ach tha duil ri i sgaoileadh mu dheireadh na seachdain s’a tighinn. Bha moran “bills” air an toirt air adhart an turus so, corr us da cheud gu leth air fad, ach cha robh a mhor chuid dhiubh ro chudthromach, ged a chosg iad uine gu leòr. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 273] [Vol. 7. No. 35. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, AM MART 31, 1899. NO. 35. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XIX. ANN AN TROM THINNEAS. Thug an tairgse a fhuair mi o’n mhaighstir sgoile misneach mhòr dhomh gus a dhol air aghart leis an obair a chuir mi romham. Fhuair mi na leabhraichean a bha freagarrach air mo shon, agus bha mi ’g ionnsachadh cho math ’s a b’ urrainn mi. Chuir mi romham nach rachainn a dh’ iarraidh fiosrachaidh air a’ mhaighstir sgoile gus am b’ fhior eiginn domh. Tha cuimhne mhath agam, agus bithidh, air na fhuair mi de dhragh ’s de shaothair a’ feuchainn ri aon cheisd fhuasgladh. Tha mi glé chinnteach gu ’n d’ thug mi dà fhichead ionnsuidh air a fuasgladh mu ’n deachaidh a’ chùis leam. Anns an leabaidh air an oidhche, a’ falbh na sràide air an latha, an àm dhomh a bhith ’nam shuidhe aig mo bhiadh, agus aig iomadh àm eile, bhithinn a’ smaointean air a’ cheisd, agus bhithinn an dùil gu ’n rachadh agam air a fuasgladh anns a’ mhionaid. Ach cha rachadh. Theirinn rium fhein iomadh uair, gu ’m bu chòir dhomh a dhol far an robh am maighstir sgoile; ach bha mi cho rag ’s gu ’n robh mi ’cur romham gu ’n deanainn i gun chuideachadh iarraidh air duine sam bith. Mu dheireadh dh’ fhàs mi cho sgìth dhe ’n cheisd ’s gu ’n deachaidh mi seachad oirre. Bha mi ’deanamh cheisdean eile a bha pailt na bu doirbhe na i; agus bha so a’ toirt orm tilleadh rithe an dràsta ’s a rithist. Mu dheireadh thall dh’ aontaich mi ’nam inntinn fhein gu ’n rachainn gun dàil far an robh am maighstir sgoile leatha feuch am fuasgladh e dhomh i. Ach an latha sin fhein thuirt mi rium fhein gu ’n tugainn aon ionnsuidh eile air a deanamh, agus gu h-iongantach rinn mi i. Ged a chuirteadh còig puinnd Shasunnach ’nam dhòrn anns an àm, cha bhithinn na bu toilichte na bha mi. Mar bu mhò a fhuair mi de shaothair a’ feuchainn ri ’deanamh, is ann bu mhò mo thoileachadh an uair a chaidh an obair leam. A bharrachd air sin, fhuair mi leasan no dhà an àm a bhith feuchainn ris a’ cheisd a dheanamh, a tha ’deanamh feuma dhomh gus an latha ’n diugh. An toiseach, chunnaic mi gu soilleir, gu ’n teid aig duine air iomadh ni gle dhoirbh a dheanamh, ma chuireas e roimhe gu ’n dean e e. Tha mòran dhaoine anns an t-saoghal a dheanadh iomadh gniomh mòr, math, nan cuireadh iad rompa, am muigh ’s am mach, gu ’n deanadh iad e. Ach tha ’n àireamh a’s mò dhiubh so a’ call am misnich buileach glan an uair a thoisicheas cùisean ri dhol ’nan aghaidh. Cha mhòr is fhiach duine nach seas a chasan ri aghaidh cruais is cruadail. Cha ’n ’eil ni luachmhor sam bith ri fhaotainn gun mhòran saoithreach. Cha ’n fhaighear òr, no airgiod, no daoimean, no neamhnaid luachmhor sam bith gun mhòran saoithreach, agus, ma dh’ fhaoidte, mòran cunnairt. A rithist, thug mi an aire an uair a rinn mi a’ cheisd gur e aon mhearachd glé bheag bu choireach nach d’ rinn mi i a’ cheud uair a dh’ fheuch mi rithe. Bha ’mhearachd bheag so a rinn mi anns a’ cheud dol am mach ’g am leantuinn fad na h-uine, agus bha i ’sior chur na ceisde cearr orm mar a bha mi ’dol air aghart. Leis an toil a bh’ agam a’ cheisd a dheanamh, bha mi, mar bu trice, ’dol ’na dàil ann an cabhaig mhòir; agus cha robh mi ’toirt an aire gu ’n robh mi ’deanamh mhearachdan. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “’S e luathair is fhaisge ’mhaille.” Cha b’ ann a chionn gu ’n robh a’ cheisd doirbh a bha mi cho fada rithe, ach a chionn gu ’n robh i anabarrach caimeadalach. Nan do sheall mi gu dlùth agus gu cùramach oirre mu ’n do thoisich mi rithe, is docha gu ’n deachaidh agam air a deanamh ’s a’ mhionaid. “Ge b’e nach seall roimhe, seallaidh e ’na dheigh.” Mar a b’ fhearr a bha mi ’faotainn air aghart is ann bu dichiollaiche a bha mi fàs. Bhithinn iomadh oidhche gun dol a laidhe gus am biodh e da uair ’s a’ mhadainn. B’ ainneamh leam a dhol a laidhe gus am biodh e an deigh mheadhain oidhche. Bha mi mar so a’ dol air aghart o mhios gu mios, agus ged nach robh mi fhein ’ga thoirt fa near, bha mi ’call mo neirt, agus a’ call mo dhreach. Ged a theireadh na h-eolaich so rium, cha robh mi ach gann ’g an creidsinn. Mu dheireadh, eadar na bha mi ’faighinn a dh’ fhuachd ’nam shuidhe earrann mhòr dhe ’n oidhche ann an seòmar mòr gun srad theine, agus an droch ceartas a bh’ agam ann am biadh, dh’ fhàs mi glé thinn. O nach bu chuimhne leam a bhith riamh roimhe tinn, cha do thuig mi an cunnart anns an robh mi, agus, mar sin, cha do ghabh mi mòr-shuim dhe mo thinneas. Ach b’ eiginn domh air a’ cheann mu dheireadh laidhe air mo leabaidh. Mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, cha robh suim aig muinntir an taighe dhiom. Leig iad leam a bhith dà latha ’nam laidhe gu tinn gun uiread is fios a chur air fear-sgil a dh’ innseadh ciod bu chòir a dheanamh rium. Bha mi earrann mhath dhe ’n ùine so ann am breislich, agus, a reir mar a dh’ innseadh dhomh, cha robh e sàbhailte m’ fhagail leam fhein anns an t-seomar. Mar a bha cùrs’ an fhreasdail fabharrach dhomh, chuala mo sheana chompanach, Seumas Barton, gu ’n robh mi anabarrach tinn. Agus ghrad thainig e g’ am fhaicinn. Thuig e anns a’ mhionaid gu ’n robh mo thinneas trom, agus gu ’n robh muinntir an taighe gle choma dhiom. Thill e gun dail air ais agus dh’ innis e do bhean an taighe, a’ bhean aig an robh mi ’fuireach an toiseach, mar a bha mi. An uair a chual’ i mar a bha mi, ghrad rinn i deiseil gus a dhol g’ am fhaicinn. Thaghail i air an lighiche air an robh i fhein eòlach, agus thug i e air falbh comhladh rithe. An uair a rainig iad, bha mise ann an staid bhàis. Cha robh cùram dhiom, agus mar sin, cha robh mi ’faotainn aire mar a dh’ fheumainn. Nan robh mo sheana charaide còir, am maighstir-sgoile, anns an taigh, cha ’n ’eil teagamh agam nach robh e air feuchainn ri ceartas fhaicinn agam; ach bha e aig an àm ann an ceann eile na rioghachd air chuairt, mar bu ghnath leis a h-uile bliadhna. Bha ’n nighean òg a bha ’san taigh—an aon neach aig an robh suim is cùram dhiom—an deigh cùl a chur gu buileach ris an taigh. Cha robh rathad aice air cur suas na b’ fhaide leis na dòighean neònach a bh’ aig a màthair ’s aig a bràthair. Ghabh mi beachd sònraichte oirre, agus feumaidh mi radh gu ’n do chuir e ionghnadh gu leòr orm gu ’m fanadh i cho fada comhladh riutha. O’n a bha cùisean anns an dòigh so, thuirt an lighiche nach fhaoidteadh m’ fhàgail na b’ fhaide far an robh mi, agus gu ’m feumteadh mo ghrad chur do ’n taigh-eiridinn. Thuirt am boirionnach còir, cneasda, nach leigeadh i do ’n taigh-eiridinn mi air chor sam bith o nach robh tinneas gabhaltach orm. Mar sin thugadh air falbh mi do ’n taigh aice; agus, a reir mar a chuala mi, bha mi beagan laithean ann mu ’n d’ thainig mo thur fhein ugam. Tha cuimhne gle mhath agam air an ioghnadh a ghabh mi an uair a thainig mo thùr ’s mo mhothachadh fhein ugam, agus a dh’ aithnich mi nach robh mi ’nam laidhe far am b’ àbhaist dhomh ’bhith. Bha mi an toiseach an dùil gur e bruadar a bha mi ’faicinn, an uair a dh’ aithnich mi gu ’m faca mi an seomar roimhe. “Feumaidh gur e so a’ cheart sheomar anns an do chuir mi seachad iomadh oidhche cho toilichte ’s cho comhfhurtail ’s ged a bhithinn ann an taigh m’ athar,” arsa mise, an uair a bha mi greis mhath a’ gabhail beachd air a h-uile rud a bha ri ’fhaicinn anns an t-seomar. An ùine gun bhith fada thàinig bean an taighe steach ’s i coiseachd a cheart cho fàilidh ri cat, air eagal gu ’n dùisgeadh i mi. Ghrad dh’ aithnich mi i; agus ged a thug mi oidhirp air bruidhinn rithe, is gann a bha de neart annam na labhradh facal. “Fan samhach an drasta,” ars’ ise, “tha thu tuilleadh is lag gus a’ bheag de bhruidhinn a dheanamh. Feuch ri tuilleadh cadail a dheanamh.” Gu sgeul goirid a dheanamh dheth faodaidh mi ràdh gu ’n d’ fhàs mi làidir ann an uine gun bhith fada. Bha ’bhean chòir anabarrach math dhomh. Tha mi ’smaointean gu[?] banaltrum cho math ’s cho ciùin ’s cho foighidneach ’s a b’ urrainn a bhith. Cha ’n fhaca mise na rachadh air thoiseach oirre co dhiubh. Bha i cheart cho fritheilteach dhomh, agus cho cùramach mu m’ dheidhinn ’s a bhiodh mo mhàthair. Is iomadh uair a bha mi ’smaointean air an nàdar mhath a bh’ aice. Mar a dh’ ainmich mi mar tha, dh fhalbh mi as an taigh aice gun aobhar sam bith, ach gu ’n robh toil agam a bhith ’fuireach ann an taigh a bha, a reir choltais, na b’ fhearr anns gach dòigh na ’n taigh a bh’ aice-se. Cha b’ urrainn domh a bhith na b’ fhearr biadh is leaba ’s frlthealadh na bha mi fhad ’s a bha mi ’fuireach aice. Is iomadh te a ghabhadh gle olc mi dh’ fhalbh uaipe gun aobhar mor air a shon. Is iomadh te a bhiodh glé choma ged a dh’ fhàsainn tinn, agus ged a gheibhinn droch ceartas far an robh mi. Co ’n te eile a dheanadh rium mar a rinn i? Cha ’n ’eil fhios agam an deanadh piuthar no bana-charaid cho math rium ’s a rinn i. Agus rud a chuir ioghnadh gu leòr orm; cha robh moit sam bith oirre air son aon ni dhe na rinn i air mo shon. [TD 274] [Vol. 7. No. 35. p. 2] An uair a bha mi ’toirt taing dhi, thuirt i rium nach b’ ann air son taing no duais a rinn i na rinn i air mo shon. “Tha còir aig gach neach,” ars’ ise, “air a bhith ’deanamh math aig gach àm, agus anns gach àite. Cha ’n ann gus a bhith ’deanamh ar toil fhein a chuireadh do ’n t-saoghal so sinn idir, ach gu bhith ’deanamh toil an Fhir a tha ’riaghladh gu glic agus gu cothromach os cionn nan uile nithean. Tha esan ag iarraidh oirnn a bhith ’deanamh math do na h-uile dhaoine, ach gu h-araidh dhaibhsah a tha de theaghlach a’ chreideamh.” (Ri leantuinn.) FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN. (Air a leantuinn.) Chuir an cu fein leis a so, le ran boile, agus gu dearbh cha robh moran eadar an fhearg no an t-eagal ann an suilean na caillich, agus an dian-chorruich ann an suilean a’ choin. Bha pladhadh an dithis a’ toirt air a’ cheile dol am buirbe. “Luidh, a’ Bhrain, luidh, tha mi ag radh riut,” arsa Fearchar, “Ciod e air an talamh a thainig air a’ chu? Cha’n fhaca mi e anns an doigh so riamh roimhe. B’ fheudar gur e cion bidh a dh’ fhag cho garg e, a’ mhathair, an uair nach d’ fhag thu mir de ’n staoig bhlasda sin aige; cha robh againn de shuipeir ach an toitean-rathaid sin de chrodh donn Mhic-Ghill-Eoinidh.” “Mac-Ghill’ Eoinidh,” arsa a’ chailleach gu dranndanach, a’ sgaoileadh a h-innean os cionn na griosaich. Bu mhath a b’ aithne dhomh-sa e.” “Dhuit-sa?” arsa Fearchar. “Seadh, direach dhomh-sa,” fhreagair ise le braoisg gaire. “Bu treun an sealgair air Druim-Alba e, agus b’ ann an sin a chaochail e, ach tha coig ceud bliadhna bhuaithe sin.” “Cha mhor dhomh-sa no do mo leithid-sa coig ceud bliadhna, agus gu’m bu mhi a chunnaic uisgeachan na tuile ruaidhe a’ cuir nan car dhiubh fein troimh Coire Choill gun tighinn air traoghadh a’ chuain air slios Bheinn Neimheis.” “Is gasda am fala-dha sin, a’ mhathair,” arsa Fearchar bochd, a’ toirt oidhirp fhaoin air gaire dheanamh, agus a’ bhaobh ghrannda aosmhor, beag agus ge robh i, an uair a bu leir da air tus i, a nis gun teagamh air troidh a’ chuir ri ’h-airde; is faicilleach a bhuannaich e air coimhead oirre an darna lamh air a bhiodaig agus an lamh eile air fail Bhrain, aig an robh a nise grunnsgul ni’s labharr na an stoirm a bha fathasd ’na deann troimh ’n ghleann chorrach fodha. “A’ bhean!” arsa Fearchar, gu dana, “tha amharus agam ort; tha ni air do shiubhal, nach toigh leam idir; tha mi direach an deigh bruadar uamhasach ’fhaicinn.” “Bruadar maidne, cuideachd,” ars a’ bhaobh, le grachdan. “Uime sin, tha mi ’m barail gur ionann mathair-aobhair dhuibh.” “Bitheadh e mar sin.” “Ciod e is ciall do’n bhruadar uamhasach?” dh’ fhoighnich Fearchar, “oir cha’n ’eil ann am bruadaran maidne, ach rabhaidhean agus manaidhean gun fuasgladh. Beannachd Dhe agus nan naomh uile gu’n robh air mo shiubhal?” Thug an te ghrannda gàire labhar aisde. “Is ann de’n Chreideamh Chleireach a tha thu, nach ann?” arsa Fearchar gu h-an-shocarach. Rinn i gàire bu labharra fòs ris, an uair a thubhairt e so, ach a’ sior fhàs, gus am bu bheag nach robh Fearchar as a chiall leis an eagal agus an iongantas, agus theann e ri cur troimh inntinn, an rachadh aige air an dorus a’ ruigheachd agus ruith am mach a’ dheanamh, chum e fein ’earbsadh ris a’ ghaillionn agus ri Dia. Bu mhithich leis mar a bha a suilean a’ dol an deirgead agus an caoiread, agus a subhachas miosgunn a’ dol am moid, a reis a fais. Cha robh cleith air an fhirinn. B’i bana-ifrionnach no bana-dheamhan an fhasaich an spiorad aig an robh e fo a phianadh anns an aite dhiomhair uaigneach sin. Dh’ fhairtlich a chridhe air, na suilean coirbte allmharr sin a’ dearcadh gu fiadhaich air, fallus fuar a’ dol thairis air. “C’arson a tha greim cho daingeann agad air a’ bhiodaig, Fhearchair?” ars ise le sgreuch craiteach. “Airson a’ bhith deasail, agus is ann mar sin tha mi a’ cumail air Bran. Nach aon de Fhreiceadan Dubh an Righ mi? Ach cia mar a fhuair thu fios air m’ ainm-sa?” “Cha mhor an ni e sin dhomhsa, aig an robh fios air Mac-Ghill’-Eoinidh.” “Cia as duit, an nochd?” “A Eilean nam Faol-chon,” fhreagair ise, a’ deanamh gaire ard a guth. “Is ionann an sgeul sin agus na chaidh roimhe,” fhreagair Fearchar, “oir is ann anns a’ chuain an iar a tha an t-eilean sin, faisg air Colla, duthaich Cloinn ’Ille-Leathain. Siubhlaidh tu gu luath.” “Is ann mar sin is abhaist daibh-san a shiubhlas air oiteagan na gaoithe.” Chlisg Fearchar, “A bhean!!” ghlaodh esan, air mire leis a’ mhaoim nach robh idir fo a smachd a nis, agus duil aige gu’m buaileadh a ceann ri taobhan an taighe an uine ghoirid, “a dh’aon chuid, is breugach no ifrionnach thu! Cia mar a mheasar ort?” “Mar is fearr leat fein,” fhreagair ise, gu roiceil. Ghrad-tharruing Fearchar a bhiodag, agus ceart cho tapaidh leig e as an cu mor leis am bu bhuidhe an cothrom. “Feuch rithe, greimich oirre, ’Bhrain! math an cu! treun an cu! shiod thu! Is teann an greim a ghlacas easgann, anns an earball! Rithe! rithe! a laoich!” Leig an cu gasda beuc bainidh as, agus sin e ’na leum gu mearanach an sas anns a’ bhana-bhuidsich a dh’ fhag an àiridh le leum iongantach ealanta agus nan tnuth agus dulain ’na ceann, a’ cuir an doruis roimhpe ’na sgealban, ag ruith am mach anns an dorchadas agus anns an oidhche anraich, Bran ’na deigh, ach e ann an imcheist ged a b’ e bu luaithe cas na coin Lochabar gu leir. Cha bu ruith leo ach leum. Bhuail iad am mach agus chomhdaich an oidhche iad; dh’ fhalbh iad a sealladh Fhearchair, a bha a’ dur-dhearcadh o’n dorus, a plosgartaich leis an esgal. Bha an stoirm ri donnalaich anns a’ ghleann, far am bu tighe an doillearachd, ach a mhain an uair a leigeadh dreos aonarach dealanaich ris, creagan aogaidh agus caol-ghleann Loch Liobhainn. Bha buir na gaoithe sgalartaich ni’s orraisiche na a h-abhaist a’ torghanaich agus a’ gleadhraich, a’ dairearaich agus a’ stairearaich air na creachannan sluganach agus troimh na bearnan domhain. An sin thuiteadh i ’na fe, agus cha chluinnteadh dhith ach caoidh, cadalach, ciuin. Dh’ eireadh i an airde a rithisd, mar gu’m b’e cuideachd laidir dheamhan a bh’ ann, conghaireach, iorghuilleach, aimhreiteach. Thuiteadh i uair eile, a’ gluasad anns an t-seomar ’na cuinneagan gu ceileireach, a’ toirt air an teine leum ’na [?] ach cha mhaireadh sin fada; thigeadh i a rithisd eadar Fearchar agus an dorus, a’ buaileadh air tulchann an taighe, le deineis luath. Bu chraiteach an trath sin da, a’ feitheamh ris a’ chu, gun fhios c’ aite an rachadh e, no ciod a dheanadh e, no idir an robh an namhaid air a bheulthaobh no air a chulthaobh. Ach eisd! tha fuaimean eile ag eiridh leis a’ ghaoith, sgriachan an deamhain ma dh’ fhaodar sin a’ radh riutha, oir b’ ard agus bu sgalach iad, coltach ri gaire bocain agus teinn-chradh tannaisg. An sin, thainig tathunn labharr, trom, a’ tighinn agus a’ falbh, air uairibh ’na sgal fada, ulfhartaich, agus a rithisd ’na bhraghannan grad, cas, clis; an deigh sin na miltean srad drilseach mar dhreagan ag eirigh agus a’ spraidheadh, ann an dorchadas a’ ghlinn shios. Chriothnaich anam Fhearchair, agus ged nach do thuit a dha laimh ri thaobh, bu bheag nach do reothadh a chridhe le eagal an ain-eolais, agus e gun fhios ciod bu chiall do’n t-sealladh chlisgeil, agus a’ toirt suil uaithe agus mu’n cuairt air, dorn am biodaig, ach gu’n robh e deas, coma cia as a thigeadh air. Dh’ fhan e mar sin fad uine a’ coimhead ceithir-thimchioll air agus a’ dearcadh gu mion air gach ni mu’n cuairt da, a’ tionndadh an rathad so agus an rathad eile a’ reir mar a bhitheadh an t-aineolas uamhasach, ar leis, air a chul no air a bheul-thaobh. Ach cha tainig dad ’na choinneamh. Dh’ eirich, fa dheoigh, ulfhartaich Bhrain, uair eile, agus am fagus da; agus a’ thiota leum an gaothar uasal le frith-ghul truagh an dail a mhaighistir agus thuit e aig a chasan. B’e Bran a bha ann, an cu laidir, dileas, treun; ach bu dubh an diol a bha air! Reubta, creuchta, fuil agus feithean air dol thairis air—as a mhionach agus a’ basachadh; oir is gann a chaidh aige air a theanga a’ chuir am mach gu lamh Fhearchair ’imlich, an uair a dh’ fhailnich air, agus a bha e sinte, rag marbh air an lar. “Mo chradh ’s mo dhoruinn! A’ Dhe agus a’ Thighearna!” ghlaodh Fearchar fo iomaguin, air a shracadh, agus a’ toirt dheth a bhoineid, nos nan sean Ghaidheal an àm dhaibh bhith ri urnuigh, “gu’n deanadh thu mo shianadh an nochd, oir is ann ri deamhain a rinn mo chu strith.” Faodar a thuigsinn mar a chaith Fearchar a’ chuid eile de’n oidhche—gun chadal, lan smuairean gairisneach, mar a bha na thachair a’ sior dol troimh ’inntinn, agus gu seachd sonruichte an radh sin, “Bithidh duil ri fear-feachd, ach cha bhi ri fear-lic!” Anns a’ chamhanaich shiolaidh a ghaillionn. Dh’eirich a’ ghrian, gun neul anns an speur, direach mar a dh’ eireadh i, ged a b’ iad sinn fein a chaochladh a’ leughadair, a’ leigeil ris dhuinn cho faoin, diomhain agus a tha sinn, ann an coimeas ris na tha ni’s airde na sinn-ne. Ach na b’ ann mar sin a dh’ aithrisear an sgeul oirnn. Gu ma fada dhuinn uile agus gu’m faic sinn iomadh maduinn fathasd, maduinn, a bhitheas coltach ris a mhaduinn so a tha fo ar n-aire; bha a ghrian ri a faicinn, cha’n ann a mhain anns an speur, ach a’ bharrachd anns a h-uile deur a bha an crochadh ris gach duilleig agus gach barr feoir, a bha a’ tilgeil dhiubh nan gathan lannaireach boillsgeach sin, ris nach samhlaichear clach luachmhor sam bith; bha na braoin ceothail, cloimheach a’ sniomh gu siubhlach air aodann Bheinn-Neimheis, agus cian le a leathad, bogha frois air taobh Loch Liobhainn, gun fhios c’aite an robh a bhun aimhriochdach; na h-eildean donna a’ lomadh an ionaltraidh fhlich, bhoidhich am measg nan creagan ciar, coinneachail, na h-eoin bheaga a’ seinn as gach preas, an iolar uallach agus an croman-luch ag itealaich gu h-ard, agus coslas latha chiataich air an fhaire. Chladhaich Fearchar uaigh do Bhran le bhiodaig, ’ga cluthachadh le fraoch cubhaidh, bog, agus chomhdaich e e, agus rinn e carn, mar chomharradh dha fein air aite-taimh caraid dilis agus chaoimh; ach ge nar leis, bhruchd a chridhe air, agus thainig na deoir gun iarraidh a’ ruagadh a’ cheile; ach b’ fheudar togail air, agus theann e ri direadh nam bruthaichean, a’ tilgeil gu tric sul thar a ghualainn far an robh uaigh aonarach, uaigneach, Bhrain am meadhon buain-fhoid, gus an d’ rainig e mullach nam beanntan casa, creagach sin, a bheir cothrom dhut air da rathad a’ ghabhail, fear dhiubh an comhair gleann an uisge dhuibh, agus am fear eile ’gad stiuireadh gu beul Ghlinne Comhainn, troimh ’n choire chorraich sin “Stairsneach an Diabhuil.” [TD 275] [Vol. 7. No. 35. p. 3] Rainig e anns an am fhoirmeil airm-lann na cath-buidhne air Bruthaichean Abair-fealdaidh far an deach gach coisir, a bha roimhe sin gun eiseimeil d’a cheile, a’ cheangail ’nan aon fo an ceannard fein, an Ridire Raibeart Mac-an-Rothaich, fear Chulcairn, a chaidh a mharbhadh sia bliadhna an deigh sin aig Blar na h-Eaglaise Brice. Anns an dithreabh fhiadhaich, Ghaidhealach sin, is tric a thainig a bhruadar agus a dheuchainn fo aire Fhearchair, agus mar dhaingneachadh orra sin dh’eirich cuisean cudthromach eile (an deigh cuir-ri-cheile coisirean neo-chomaraich an Fhreiceadain Duibh ’nan aon earrann-feachd), a thug air a dhudam agus a dhadam tuiteam air ’ga fhagail gruamach, gulmach oir thainig ordugh caismeachd, gu ’n togadh am bannal gu leir orra gu Sasuinn; bu mhor an troimhe cheile thogadh leis an ordugh sin am measg an Fhreiceadain Duibh. Is math a tha an sgeul air fios anns an latha ’n diugh am measg nan Gaidheal, mar a chaidh an fheall a’ dheanamh air an Fhreiceadan Dubh, ged tha cainnt nach robh ann deth ach aon de iomadh gniomh chealgach a rinneadh leis an uachdranachd Shasunnach ann an ruith chuisean eadar an da dhuthaich, oir is e bha am beachd nan Sasunnach, cairdean nan Stiubhartach a’ chur an lughad le an roinn ’nam buidhnean, agus cur air suilean do na buidhnean sin, a’ lion aon agus aon gu’m bitheadh iad ri morlanachd ann an tirean ceine, rud a chaidh leis na Sasunnaich gu math, mo chreach; ged a tha na Gaidheil ni’s glice an diugh na bhith ’gabhail fo bhratach Shasuinn; agus b’ ann air sailthaobh cealgaireachd Sasunnaich a dh’ eirich a liuthad ceannairc an deigh togail nan sean réiseimeidean Gaidhealach. Mheasadh an òrdugh so leis an Fhreiceadan Dubh ’na bhriseadh air na geallaidhean a b’ urras agus a bu neart do iomadh aon de na h-uaislean Gaidhealach gabhail anns an arm, gus an cinn a’ chuir fo chrios a’ choigrich sin, nach robh riamh air an leas, fad uile laithean eachdraidh an duthcha. Bha am bannal uile air a leithid de bhoil, agus gu ’n tug an Tighearna Donnachadh Foirbheiseach, Chul-fhodar rabhadh do Cheannard Clayton, ceannard an airm Albannaich, gu’m bitheadh a bhuil, nan leanadh an uachdranachd air a’ chuilbheart so; agus chum ar-a-mach a’ bhacadh dh’ innis an t oifigich sin do na Gaidheil, nach toireadh iad Sasuinn orra ach “a’ mhain airson gu’m faiceadh an righ iad, oir cha’n fhaca e riamh saighdear Gaidhealach, agus e an deigh a leigeil air gu’n robh annas mor air gus am faicinn.” Cha robh a bheag a dh’ fhios aig na Gaidheil bhochd gu’n robh luingeas deas gus an toirt gu Flanders, agus le sodal na breige chuir iad an aghaidh air Sasuinn, ann an deireadh a’ Mhairt, 1743; agus ma tha dearbhadh eile uainn fathasd, gheibh sinn e anns a’ phaipeir sin an “Caledonian Mercury” de’n bhliadhna cheudna:— “Air Di-ciaduin ’sa chaidh, thog reiseimeid Ghaidhealach an Tighearna Sempills orra gu Sasuinn, far an teid an sgrudadh leis an Righ.” Ri linn daibh coiseachd troimh taobh tuath Shasuinn, ghabhadh riutha leis an t-sluagh le uiseileachd, oir bha speis mhor aca dhe’n aodach, an uidheam agus an dreach, agus mar bu dual daibh b’ iad na h-Albannaich nach robh dad air dheireadh air na Sasunnaich, oir ghiulain siad iad fein anns an doigh uasail sin ris an abrar an doigh Ghaidhealach, a tha gun a samhladh anns an t-saoghal; ach their Maidsear Grose, “a dluthachadh dhaibh do bhaile mhor Lunnainn, sharuicheadh iad le beumannan sgeigeil agus fochaid bhalachail nam fior bhalgairean Sasunnach, agus ghabh iad gruaim agus iargaltachd. Mar a bha duine uasal agus anam duine uasail anns an fhear a b’ isle dhiubh, bu ghann a dh’ fhuilingear leo buirbe nan umpaidhean, agus spid na duthcha sin a bha fo an Righ sin fein a chuir cuireadh orra.” Air an 30mh latha de’n Ghiblein rainig iad Lunnainn, agus chaidh an sgrudadh air a 14mh de’n ath mhios le ard-cheannard Wade air Finchley Common, agus comhdhail mhor sluaigh an lathair; ach cha robh an Righ ann idir, mar a bha duil aca, oir sheol e o Ghreenwich gu Hanover an dearbh oidhche a rainig iad. Thubhairt gach fear ri a charaid, “Bhrathadh sinn, dh’ innis an Righ breug dhuinn.” Loisgeadh an t-srad, agus ghrad-chaidh i ’na teine air nach rachadh grabadh a’ chuir. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XXII. “Faodaidh i na thogras i de dhath a chur air mo mhalaidhean, oir bidh e furasda gu leor dhomh a nigheadh dhiubh; ach cha ’n fhuiling mi do dhuine sam bith an roibean a thoirt dhiom. Cha ’n urrainn domhsa m’ aghaidh no m’ aodann a’ nochdadh am fianuis dhaoine ma bheirear dhiom e,” arsa mo bhrathair. “Thoir do cheart aire nach diult thu rud sam bith a dheanamh a dh’ iarrar ort,” ars’ an t-seana bhean; “ma dhiultas, cuiridh tu call is mi-fhortan ort fhein a bhios mòr. Tha gaol aig a’ mhnaoi uasail ort, agus tha toil aice do dheanamh sona. B’ fhearr dhut gu mor an roibean a bhith ’g ad dhith na cul a chur ris a h-uile fabhar taitneach a tha bhean uasal toileach a thoirt dhut.” Dh’ eisd Bacbara ris an thuirt an t-seana bhean, agus gun aon fhacal a radh, chaidh e do’n t-seomar comhladh ris an t-searbhanta, far an do chuireadh dath dearg air na malaidhean aige. Ghearradh dheth an fheusag; agus an uair a bha iad a’ dol a ghearradh dheth an roibean, thuirt e, agus e air a sharachadh ’na fhoighidinn, “Oh! cha dealaich mi gu brath ri mo roibean.” Thuirt an t-searbhanta ris, nach robh feum sam bith dha leigeadh leotha an fheusag a thoirt dheth mur leigeadh e leotha an roibean a thoirt dheth mar an ceudna, a chionn nach sealladh fear sam bith ceart ann an deise boirionnaich nam biodh roibean air. Thuirt i ris mar an cedna, gu ’n robh ioghnadh gu leor oirre gu ’n diultadh e ni sam bith do’n bhoirionnach bu bhriagha bh’ ann am Bagdad, agus i ann an trom ghaol air. Thuirt an t-seana bhean ris, gu’n cailleadh e deadh-ghean na mna uaisle cinnteach gu leor mur a leigeadh e leotha an roibean a thoirt dheth. Mu dheireadh leig e leotha an rud a thogradh iad a dheanamh ris. An uair a chuir iad deise boirionnaich uime thug iad a steach e do n’ t-seomar anns an robh ’bhean uasal. An uair a chunnaic i e, thoisich i ri gaireachdaich air a leithid a dhoigh ’s nach b’ urrainn i eiridh as an aite ’s an robh i ’na suidhe. Bha na mnathan coimhideachd gu leir a’ gaireachdaich, agus a’ bualadh am bas air a leithid de dhoigh ’s gu’n do ghabh mo bhrathair naire agus athadh gu leor. Dh’ eirich a’ bhean uasal as an aite ’s an robh i ’na suidhe, agus i ’sior ghaireachdaich, agus thuirt i ris, “An deigh a h-uile toil-inntinn a tha thu air a thoirt dhomh, dh’ fhaoidteadh coire gu leor a chur orm mur biodh gaol mo chridhe agam ort. Tha aon rud eile agam ri chur mu d’ choinneamh, agus is e sin, gu’n danns thu ruidhle comhladh rium.” Dh’ aontaich e gu’n deanadh e so; agus chaidh a’ bhean uasal agus na mnathan coimhideachd a dhannsa comhladh ris. Bha iad greis mhath a’ dannsa ’s a’ gaireachdaich mar gu’m biodh iad air iomairt gabhail a chaoich. An uair a sguir iad de dhannsa, thoisich iad air a bhreabadh ’s air a dhornadh gus an d’ thug iad trian dhe ’mhothachadh as. Cha robh de luths ann na dh’ eireadh as an aite ’s an robh e ’na shineadh. Thug an t-seana bhean cuideachadh dha gu eiridh. A chum nach biodh uine aige air a bheag de smaoineachadh a dheanamh air an droch dhiol a rinneadh air, thuirt i ris misneach a bhith aige. Thuirt i ris ann an cogar, gu’n robh a thrioblaidean gus a bhith seachad, agus nach b’ fada gus am faigheadh e a dhuais. “Cha ’n ’eil agad ri dheanamh ach aon ni beag eile,” ars’ ise. “Feumaidh mi innseadh dhut gu’m bheil e mar chleachdadh aig mo bhana-mhaighstir; an uair a dh’ olas i beagan, mar a rinn i an diugh, nach leig i le duine sam bith air am bheil gaol aice, a dhol am faisge dhi gus an cuir e dheth a chuid aodaich gu leir, ach a leine. An uair a ni e so, ruithidh ise air falbh air feadh an taighe, agus feumaidh esan ruith as a deaghaidh gus am beir e oirre. So agad aon dhe na cuireadan a th’ innte. O ’n a tha thusa cho aotrom agus cho fuasgailte ’s cho math gu ruith, theid agad air breith oirre ann an uine ghoirid. Chuir diot a h-uile snaile aodaich a th’ umad, ach do leine, gun dol seach so fhein.” Bha mo bhrathair truagh cho faoin, ars’ am borobair, ’s gu’n d’ rinn e mar a dh’ iarr i air. Chuir e dheth a chuid aodaich. Aig a’ cheart am chuir a’ bhean uasal dhith a cuid aodaich uile ach a cota ban, agus a leine, a chum gu’m biodh i na b’ fhuasgailte gu ruith. An uair a bha iad deas gu falbh, fhuair a’ bhean uasal cead fichead ceum a dheanamh mu’n do ghluais esan, agus an sin ruith i air falbh le luaths anabarrach. Ruith mo bhrathair as a deigh cho luath ’s a b’urrainn e. Bha na mnathan coimhideachd a’ gaireachdaich agus a’ bualadh am bas. Bha ’bhean uasal og a’ sior dhol na b’ fhaide air falbh o m’ bhrathair; agus an uair a thug i air a dhol as a deaghaidh air feadh an taighe a dha no tri dh’ uairean, ghabh i steach troimh sheomar dorocha, far an d’ fhuair i as a shealladh buileach glan. B’ fheudar dhasan deanamh air a shocair, o ’n a bha ’n t-aite cho dorocha. Mu dheireadh chunnaic e solus, agus ruith e g’ a ionnsuidh. Chaidh e ’mach air dorus a chunnaic e fosgailte, agus cha bu luaithe ’chaidh e mach na dhruideadh an dorus. Faodar a thuigsinn gu’n robh ioghnadh gu leor air an uair a fhuair e e-fhein am measg dhaoine air an t-sraid ’s gun uime ach a leine, agus gun riobadh feusaig no roibean air, agus a mhalaidhean air an dath dearg. Thoisich na daoine ’bh’ air an t-sraid ri bualadh am bas agus ri glaodhaich ris. Ruith cuid dhiubh as a dheigh, agus thoisich iad ri gabhail dha air na masan le strap leathair. Mu dheireadh rug iad air agus chuir iad air muin asail e, agus dh’ fhalbh iad leis air feadh a’ bhaile, agus mar so rinneadh culaidh-mhagaidh dheth buileach glan. Gus an dunaigh a chur gu buileach air cuisean, ghabh iad seachad leis air taigh a’ bhreithimh. An uair a chunnaic am breithimh an aireamh mhor shluaigh a bha ’dol seachad an t-sraid, agus an upraid ’s an odhail a bha fa near dhaibh, chuir e roimhe gu’m biodh fhios aige ciod a b’ aobhar dha. Dh’ innis na daoine dha gu’m fac’ iad mo bhrathair a’ tighinn am mach air dorus an t-seomar anns an robh mnathan an ard-chomhairlich a’ fuireach. An uair a chual’ am breitheamh so, dh’ ordaich e ceud buille thoirt do Bhacbara le slait air bonnan a chas, agus a chur am mach as a’ bhaile, agus gu’n leigeadh dha tilleadh gu brath tuilleadh. (Air a leantuinn air taobh 278.) [TD 276] [Vol. 7. No. 35. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, AM MART 31, 1899. GNOTHUICHEAN CUDTHROMACH AN T-SAOGHAIL. AN FHRAING. Is e Ceann-suidhe glic a tha ann am Maighstir Loubet, a tha ’nis anns an aite a’s airde ’s a’s cumhachdaiche ann an rioghachd beartach ’us oir-dheirc na Frainge. Nochd am bas ceann agus muladach a thainig air Maighstir Faure, do na daoine amaideach a tha daonnan deas airson mi-riaghailt ’us olc a dheanamh agus [?]dadh suas, cia co faoin ’us dona ’s a bha ’m beachdan ’us an beusan ’us an gnathachadh. Tha iad a’ faicinn a nis gu robh iad a’ cur an gniomh abhaistean mosach a bheireadh gun amharus call eagalach agus truaighe anabarrach air an duthaich gu leir. Ged tha moran de dhaoine luaineach, ciogailteach anns an Fhraing, tha e soilleir nach ’eil deon no iarrtus blath air bith aca air oighrean Bhonapairt no nan righrean d’ am buineadh crun na Frainge re iomadh linn, a ghabhail air an ais airson cuisean fiachail agus cudthromach na Frainge ’riaghladh. Tha dochas aig gach neach aig am bheil meas air sith ’us seasgaireachd air feadh an t-saoghail, gu stad na Frangaich de ’m peasanachd bhochd agus fhaoin an aghaidh Bhreatunn thall ’s a bhos air feadh an t-saoghail. NEWFOUNDLAND. Bha iomradh laidir o cheann miosa no dha gu robh crioch a’ tighinn ann an uine ghearr air an trioblaid ’s air an t-sarachadh a tha aig Newfoundland, do bhrigh gu bheil na Frangaich gu dana, ladarna ’g agairt corach air cuibhrionn de oirean an eilein so. Is e duine glic, tapaidh a tha ann am Maighstir Chamberlain, agus on tha e ’tabhairt aire do ’n dragh a tha na Frangaich a deanamh, tha dochas laidir againn gu tig e gu cordadh leis na Frangaich, ged bheir e duais doibh airson so a dheanamh, agus airson beannachd gu brath fhagail le Newfoundland agus oirean Chanada gu h-iomlan. Bu neonach da rireadh an cumhnant a rinneadh bho cheann fada eadar Breatuinn agus an Fhraing; oir, ged bhuineadh do Bhreatunn gach eilean agus tir mor a tha ann an dluths do Chanada, bha na Frangaich a’ faotainn cead tighinn agus sealbh a ghabhail air iasg ’us oir de Newfoundland. Tha na linntean mar tha iad a’ tighinn ’s a falbh, a trusadh barrachd gliocais ’us ceartais ann an reiteachadh nan cuisean troma ’s eutrom eadar rioghachdan na talmhainn. Thugadh Breatunn, mata, duais mhor no bheag do na Frangaich airson oirean Chanada ’fhagail gu brath; agus sgaoileadh suaicheantas Chanada thar gach eilein, ’us caoil, ’us sruith, ’us aimhne, ’s roinn, ’us frith ’us comhnard, bho thonnan luasganach an Atlantaic gu cladach fada, beartach a’ Chuain Shamhaich. Tha Newfoundland gle fhada ’nis air deireadh air roinnean eile Chanada. Thugadh an eilean so thairis air a bhi air a chumail ann an ceo ’s ann am mi-shoirbheachadh, do bhrigh gu bheil daoine beartach tuille ’s laidir ann an riaghladh na duthcha—daoine ’tha ’tuineachadh air taobh eile ’chuain mhoir ’s a tha ’trusadh moran maoin ’us storais as iasg air bruachan Newfoundland. An uair a dhealraicheas an latha grianach anns am bi ’n t-eilean so ann an dluth-dhaimh ri Canada, ’na riaghladh ’s ’na ainm ’us ’na ughdarras, theid e air aghaidh gu luath agus gu cinnteach ann an cumhachd ann an saoibhreas, agus ann an dealas air gach iasg ’us clach luachmhor, air gach fiodh ’us ionmhas eile, ’chur gus a’ mhaith a’s fearr agus gus a’ mhargadh a’s modha luach. DREIFUS. Cha tuig na feannagan fein brigh no seadh na h-iorghuill a tha fathast ard, fuaimneach anns an Fhraing, mu thimchioll an Iudhaich bhochd Dreifuis. Tha fa-dheoidh luchd-riaghlaidh na Frainge a’ cur an ceill, gu faigh an Iudhach bochd cothrom na Feinne; gu tabhair gach fianuis ’na aghaidh ’us air a thaobh an sgeula fein seachad; agus gu faigh an duthaich agus an saoghal gu leir cothrom follaiseach air an doigh so, air an comh-dhunadh fein a tharruing co-dhiu tha Dreifuis ciontach no chaidh eucoir uamhasach a dheanamh air. ANNS AN T-SOUDAN. Fhuair Breatunn agus an Eiphit coir, le faobhar a’ chlaidheimh, air roinnean farsuing an t-Soudain. Dh’ innis Breatunn, no ’m Morair Cromar, aig Cartoum, gu buin an Soudan do ’n Eiphit agus do Bhreatunn ’na dheigh so; ’us gu bi gach lagh ’us riaghailt air an cur anns an ordugh ’s air am frithealadh le ughdarras Bhreatuinn agus na h-Eiphit. Sgrios an Califa mosach na daoine truagha aig an robh an dachaidh anns an t-Soudan. Tha iad toilichte ’us greadhnach, mar tha aobhar aca, gu tainig crioch air cumhachd bhruideil a’ Chalifa; oir gheibh iad a nis saorsa ’s tearuinteachd agus sonas air an robh iad gu tur aineolach am feadh a bha ’n trusdar fuileachdach a’ riaghladh an t-Soudain a reir a thoil aingidh, ana-measarra fein. Cha deachaidh greim a dheanamh air fein fathast. Bithidh e gun teagamh ann an uine ghearr, ann an lamhan Chitchener, an ceannard meamnach, foghainteach, agus cha ’n fhaigh e tuille cothrom air olc ’us spuinneadh a chur an gniomh am measg nam fineachan a tha ’gabhail comhnuidh ann an roinnean mu dheas na h-Eiphit. SULTAN NA TUIRCE. Tha ’n t-amadan feineil, neo-bhaigheil, Sultan nan Turcach, a’ deanamh casaid, agus ag radh gur esan ard-uachdaran an t-Soudain, agus gu bheil e airidh air duais ’fhaotainn no air a chomhairle ’iarraidh, mu ’n gabh Breatunn agus an Eiphit sealbh dhiongmhalta gu brath air an t-Soudan. Cha d’ rinn e riamh ach olc do gach duthaich air an robh coir air bith aige. Fhuair e freagradh pongail, curamach bho Chromar, an t-uachdaran glic, comasach. Dh’ innis am Morair Cromar gun teagamh do ’n t-Sultan uaibhreach, gu do dhoirt saighdearan Bhreatuinn agus na h-Eiphit am fuil gu pailt ann an saorsa ’chosnadh do ’n t-Soudan; gu bheil e fein agus an Chedibhe deas ’us comasach gu leoir air cuisean an t-Soudain a dhion agus a stiuradh gu pongail, laidir, neo-sgathach; agus gur fearr do ’n t-Sultan aire ’tharruing air falbh gu buileach bho ’n Eiphit ’us bho ’n t-Soudan, agus curam a’s fhearr agus caoimhneas a’s carthannaiche ’nochdadh de na sluaigh agus do na sluaigh a tha direach fo ughdarras agus fo fhradharc a shuilean. EILEAN CHRETE. Chaidh e fein agus a cheannardan agus a shaighdearan ’fhuadachadh mu dheireadh as eilean Chrete. Tha e ’g asluchadh air na rioghachdan aig am bheil curam de ’n eilean ud aig an am so, cead a thabhairt dhasan air comharradh beag a ghleidheadh gur e ’s ard-uachdaran air Crete. Faodaidh e beannachd ’fhagail leis an eilean so; oir, on tha e fein ’s a Thurcaich air am fuadachadh as an eilean, dheanadh rioghachdan na h-Eorpa amaideachd uamhasach nan leigeadh iad e fein agus a shuaicheantas gu brath air an ais. AITE-BAIS MHAHOMAIT. Is ann am Mecca, baile ’bhuineas do Arabia—baile anns am bheil corp an fhaidh Mahomat—a tha ceann uidhe luchd-leanmhuinn Mhahomait. Anns gach cearna anns am bheil iad, an trath a thig uair na h-urnuigh, tha iad a’ tionndadh an aghaidh gu Mecca. Tha galar basmhor gle thric a bristeadh a mach ann an teas dian an t-samhraidh, am measg nan sluagh lionmhor a tha cruinn ann am Mecca. Feumaidh, air an aobhar so, luchd-leanmhuinn an fhaidh, a’ tha ’tighinn bho Innsean na h-airde ’n Ear, moille ’dheanamh agus dol troimh rannsachadh geur mun faigh iad cead imeachd bho thaobh mu dheas Arabia gu Mecca. Tha seirbhisich an t-Sultain a’ tabhairt bho na daoine bochd so, gach airgid ’us gach ni eile ’bhuineas doibh. Tha fearg mor air a dhusgadh ’n am measg air an aobhar so, an aghaidh an t-Sultain; oir cha ’n ’eil boinne de fhuil Mhahomait ’n a chuislean. Tha iad a’ faicinn gur e Breatunn caraid gu fada ’s fearr nan Sultan Turcach. Tha ’n Sheic ordheirc, aig am bheil an t-ughdarras a’s airde am Mecca, ’s aig am bheil fuil glan an fhaidh ’na chuislean, a togail a ghuth an aghaidh an t-Sultain. CONA. Chaidh cnàmhan agus luaithre Cholumbuis a ghiulan a null á Habhana do’n Spainn beagan ùine ’n deigh do na Stàitean làn sheilbh a ghabhail an Cuba. Chaochail Columbus anns an Spainn am mios na Bealltuinn 1506, agus chaidh a chur fo’n fhòd ann an Sebhille, ’san tir sin. Anns a bhliadhna 1536, chaidh a chiste-laidhe anns an robh a chorp a thoirt thar a chuain gu San Dominigo, as a sin, anns a bhliadhna 1798, gu Habhana, agus a nis tha na cnàmhan bochda air an giulan air ais gu ruige ’n Spainn a rithist. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. COMHAIRLE. CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu, BOX 70, Sydney, Cape Breton, N. S. [TD 277] [Vol. 7. No. 35. p. 5] NAIGHEACHDAN. Ann an Tracadie, N. S., a sheachdain gus an dé, thuit fear Daibhidh Pierreau bhar mullach taighe air an robh e ’g obair; bhuail e air maide bha air an làr fodha, agus bha e marbh an ceann beagan mhionaidean. Tha méinn òir ann am Brookfield, N. S., as an d’ fhuaireadh, air a bhliadhna chaidh seachad, fiach $75,538 de’n stuth phriseil sin. Rinn a chuideachd a bha ’ga h-obrachadh $30,000 de phrothaid. Am measg gach ni eile tha ri fhaotainn anns an dùthaich so, cha ’n eil an t-òr air deireadh. Tha’n sgeul so air a h-innse air fear de ’n ainm Kelly a bha fuireach an tigh-òsda ann am baile Woodstock, N. B. Air dha bhi ’na chadal, chunnaic e bruadar, agus ’na bhruadar leum e mach air an uinneig, air a cheathramh lobhta de’n tigh. Gu fortanach thuit e ann am banca sneachda, agus cha d’rinneadh goirteachadh sam bith air. Chaidh cuideachd laidir a dh’ obair toiseach a gheamhraidh so air son soithichean-smùide a chumail a ruith suas gu beul na h-aimhne St Lawrence fad a gheamhraidh. Ach a cheud soitheach a chuir iad suas an deigh do’n reotheadh tighinn, chaidh i ’n sàs anns an deigh, agus tha i gun fhaighinn aisde fhathast. Cha shùgradh sam bith feuchainn ri buaidh a thoirt air an deigh mhoir. Tha luchd mam poitean-dubha ann an siorrachd Inbhirnis a faotainn an diol dhe’n lagh air a gheamhradh so. Cha’n fhada ’n ùine o’n chaidh triuir dhiubh a thoirt gu cùirt ann am Mabou, agus fhuaireadh an triuir ciontach. Is iongantach an ni daoine tha comasach air am beòlaind a dheanamh air dòigh onarach a bhi feuchainn ri buanachd shalach a dheanamh dhaibh fein le bhi deanamh ’sa creic droch laidir, agus mar sin a toirt sgrios air moran de’n co-chreutairean. Ann an Lodge Naomh Andra No. 7, R. N. S., de na Saor Chlachairean oidhche Di-mairt s’a chaidh, bha na h-oifigich a leanas air an cur an dreuchd air son na bliadhna: Niall Mac Fhearghais, W. M.; H. M. Mersereau, S. W.; Dr. F. O’Neil, J. W.; Uilleam W. Dillon, P. M., Ionmhasair; A. G. Mac Gilleain, P. M., Runair; T. H. Boutilier, S. D.; Uilleam H. Andrews, J. D.; M. Boutilier, I. G.; T. W. Publicover, P. M., S. S.; E. Grantmyre, P. M., J. S., J. C. Townsend, Tyler. Chaidh fear Seumas Mac-a-Phi, a mharbhadh le carbad a ghuail, faisg air an Reserve, feasgar Di-mairt. Chunnaic iadsan a bha ruith a charbaid e ’na shineadh air an rathad romhpa. agus mu’m b’ urrainn dhaibh stad bha’n carbad air a dhol thairis air, ’ga mharbhadh air ball. Bha a chorp air a mhilleadh gu h-uamhasach, a cheann ’sa chasan air an gearradh dheth. Bha an duine bochd air an rathad dhachaidh o reis each a bh’ ann an Lingan, agus cha’n eil teagamh nach robh e air an daoraich. Dh’ fhàg e bantrach agus còignear chloinne. Cha robh e ach 32 bliadhna dh’ aois. Bhuineadh e do Eskasoni. Thug bas Dhomhnuill Mhic Aoidh, a thachair anns a Bheighe ’n Iar air an naodhamh latha deug de mhios mu dheireadh na bliadhna dh’fhalbh, bhuainn aon eile de na fior Ghàidheil a tha nis air fas cho gann ’nar measg. Rugadh an duine còir cliùiteach so ’san t-Srath Mhor an sgireachd Dhùirinis, an Duthaich Mhic Aoidh, ’sa bhliadhna 1810. Thainig e-féin ’sa bhean, Oighrig Chaldar, do Cheap Breatunn ’sa bhliadhna 1835, agus thuinich iad air a Bheinn a Tuath no Beinn a Mharmoir mar a theirear an diugh. Tha a bhantrach agus coignear dhe ’n teaghlach a lathair fhathast. ’Se Seumas, ceann-suidhe no “warden” siorrachd Inbhirnis, am mac a’s òige. Bha an eaglais ùr Chléireach ann an Sidni Tuath air a fosgladh la na Sàbaid s’a chaidh. Shearmonaich an t-Urr. Mr. Gandier, á Halifacs, ann am Beurla, agus an t-Urr. D. Drummond ann an Gàilig. Tha an eaglais ’na togalach eireachdail agus ’na creideas do’n choithional. Chaidh eadar da fhichead us leth cheud beatha chall anns an teine leis ’n do loisgeadh an Tigh-òsda Windsor ann an New York, air an 17mh latha dhe’n mhios. A bharrachd air an àireamh sin, chaidh moran a leònadh agus a losgadh gu dona. Chaidh an tigh-òsda losgadh gu buileach. Chaidh duine chrochadh ann an ceann an iar Ontario Di-haoine sa chaidh—fear d’ am b’ ainm Gauthier, Frangach a mhuinntir Chuebec. Mhort e dithis dhaoine a bha ’nan coimheaasnaich dha, air son an cuid airgead fhaotainn. Chaidh àireamh bhliadhnaichean seachad mu’n d’ thugadh gu ceartas e, ach rugadh air mu dheireadh, agus tha e nise air a chur gu bàs. Fhuaireadh seana bhean a b’ àbhaist a bhi baigearachd air sràidean New York, marbh ’na h-àite-cadail aon mhaduinn o chionn ghoirid, agus air do’n t-seòmar a bhi air a rannsachadh, fhuaireadh leabhar-banca, a bha sealltuinn gu robh fichead mile dolair aice anns a bhanca. Cha b’ fhiosrach daoine gu’n do chuir i sent airgead riamh ann am biadh, ann an aodach, no ann an gual; gach ni a bha i cosg, bha i ga bhleidigeadh, agus bha’n t-airgead ’ga chur ’sa bhanca. Chaidh an soitheach mor Castillian, a bha air a turus gu St. John., N. B., a long-bhristeadh air cladach an iar Nobha Scotia o chionn da sheachdain air ais, agus tha e cur ioghnaidh air daoine ciamar a thachair e. Bha an t-side briagha, ciuin, ach a dh’ aindeoin sin chaidh an soitheach bhar a cùrsa agus bhuail i air creig. Tha cùirt air a suidheachadh leis an ard-riaghladh a rannsaicheas a chùis a mach. Tha barail aig moran gu robh cuideigin air bord an t-soithich aig an robh lamh chiontach anns a ghnothuch. IADSAN A’ PHAIGH. An t-Olamh. I. D. Prince, New York. Padruig I. Mathanach, Graniteville, Vt. A. B. Mac Leoid, Plymouth, Mass. Domhnull Mac-an-t-Saoir, N. Burns, Mich. Alasdair Peutan, Skaguay, Alaska. Iain Camaran, Detour, Mich. Fionnladh A. Domhnullach, Milton, Dakota. Iain Dughlach, Malden, Mass. Seumas O’Leary, Oakland, Cala. Aonghas Mac Isaic, Oakland, Cala. Alasdair Stiubhart, High Bank, E. P. I. Alasdair Mac Sheathachain, Hilton, Man. Aonghas Mac Leoid, Hilton, Man. A. I. Domhnullach, Sandon, B, C. Iain T. Smith, Fort Steele, B. C. Ailean Dughlach, Valley, Assa. N. W. T. Aonghas Peutan, Fairmede, N. W. T. Iain Mac Coinnich, Lunnainn, Sasunn. (2) Padruig Mac-an-t-Saoir, Lunnainn, Sasunn. Ruairidh Young, Sarnia, Ont. Tormod D. Mac Neill, Benacadie, C. B. Calum Gillios, Blue’s Mills. Aonghas G. Domhnullach, S. W. Margaree. Gilleasbuig Moireastan, Marion Bridge. R. A. Mac Cormaic, Middle Cape. Donnachadh Mac Leoid, Baddeck Mhor. An t-Urr. R. Mac Neill. Grand Mira. Peigi A. Nic-Gill-fhaollainn, Glenville. D. T. Domhnullach, Mabou. Mrs. I. Nic Artair, River Inhabitants. Domhnull Mac Neill, Gleann Ainslie. M. R. Mac Aonghais, J. P., Amaguades Pond. Alasdair S. Mac Leoid, Framboise. R. Barclay, Meinn a Tuath. Alasdair Domhnullach, Amhuinn a Bhradain Iain Stiubhart, Gleann a Phiobaire. Bean Choinnich Mhic Leoid, Ceap Nor. Alasdair Mac Amhlaidh, Milton. Peigi Dhomhnullach, Boston, Mass. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 278] [Vol. 7. No. 35. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 275.) So agaibh, arsa mise ris an righ, cunntas air na driodartan a thachair do ’n dara fear dhe m’ bhraithrean. Gus a sid cha robh fhios aig an righ gu’m biodh cuid dhe na mnathan uaisle cho ard ’s cho urramach ’s a th’ anns an rioghachd, air son spors dhaibh fhein, a’ deanamh feachaireachd is fealla-dha air daoine, mar a bha mo bhrathair, a bhiodh cho faoin ’s gu’n leigheadh iad leotha greim a dheanamh orra. A Cheannaird nan creidmheach, ars am borobair ris an righ, b’ e ainm mo threas brathar, Bacbac. Bha e cho dall ris a’ chloich, agus, gus e fhein a chumail suas, b’ fheudar dha a bhith ’g irraidh na deirce o dhorus gu dorus. Dall ’s mar a bha e, dh’ fhas e cho eolach air coiseachd nan sraidean ’s nach robh feum aige air duine gus a threorachadh. Bha e mar chleachdadh aige bhith ’bualadh aig na dorsan, agus ged a dh’ fhaighneachdadh iad co bh’ aig an dorus, cha tugadh e freagradh dhaibh gus am fosgladh iad an dorus dha. Air latha araidh bhuail e aig dorus. Cha robh a staigh aig an am ach fear an taighe, agus ghlaodh e. “Co tha ’n sid?” Cha d’ thug mo bhrathair freagairt sam bith air, agus bhuail e aig an dorus a rithist Dh’ fhaighneachd fear an taighe a rithist agus a rithist, “Co tha ’n sid?” Ach cha robh neach ’g a fhreagairt. Mu dheireadh chaidh e thun an doruis agus dh’ fhosgail e e. Dh’ fheoraich e dhe m’ bhrathair ciod a bha e ’g iarraidh. “An ainm an aigh, thoir dhomh rudeiginn,” arsa mo bhrathair. “Tha choltas ort a bhith dall,” arsa fear an taighe. “Gu mi-fhortanach tha mi dall,” arsa mo bhrathair. “Thoir dhomh do lamh,” arsa fear an taighe. Thug mo bhrathair dha a lamh, agus bha duil aige gu’n robh e ’dol a dh’ fhaighinn deirce uaithe. Ach is ann a rug e air laimh air gus a threorachadh suas an staidhre, do ’n t-seomar anns am biodh e ’na shuidhe. Bha Bacbac an duil anns an am gu’n robh an duine ’dol a thoirt a dhinnearach dha, mar is minic a rinn iomadh duine eile. An uair a rainig iad an seomar, leig an duine as a lamh, agus an uair a shuidh e, dh’ fhaighneachd e dheth ciod a bha dhith air. “Dh’ innis mi dhut mar tha,” arsa Bacbac, “gu’n robh mi, air sgath ni math, ag iarraidh ort deirce thoirt dhomh.” “A dhuine choir,” arsa fear an taighe, “Cha ’n urrainn domhsa dad a dheanamh air do shon ach a bhith ’guidhe gu’n tugadh Dia dhut do fhradharc.” “Dh’ fhaodadh tu a bhith air sin innseadh dhomh aig an dorus, agus gun a dhragh a chur orm tighinn a nios an staidhre,” arsa mo bhrathair. “Agus c’ar son, a dhearg amadain,” arsa fear an taighe, “nach do fhreagair thu an uair a dh’ fhaighneachdadh co bh’ aig an dorus? C’ar son a tha thu ’cur dhaoine gu dragh a bhith ’fosgladh dorus dhut ’s nach fhiach leat am freagairt an uair a dh’ fhaighneachdas iad co bhios ann?” “Ciod a tha thu ’dol a dheanamh rium, ma ta?” arsa mo bhrathair. “Tha mi ’g innseadh dhut a rithist nach ’eil ni agam a bheir mi dhut,” arsa fear an taighe. “Cuidich mi fhad ’s a bhios mi ’dol sios an staidhre ma ta,” arsa Bacbac. “Tha ’n stadhre, fa d’ chomhair, agus faodaidh tu dhol sios leat fhein ma thogras tu,” arsa fear an taighe. Thug mo bhrathair oidhirp air a dhol sios, ach mu mheadhain na staidhreach thuislich a chas, agus sid sios e car ma char gu bonn na staidhreach. Ghortaicheadh a cheann ’s a dhruim gu h-olc. A cheart air eiginn dh’ eirich e, agus an uair a bha e ’dol am mach as an taigh thug e ’mhollachd air fear an taighe. Cha d’ rinn fear an taighe ach gaire ris. An uair a chaidh mo bhrathair am mach as an taigh, thachair gu’n robh dithis dhaoine dalla, companaich dha fhein, aig an am a’ dol seachad an t-sraid. Dh’ aithnich iad a ghuth, agus dh’ fheoraich iad dheth ciod a bha cur dragh air. Dh’ innis e dhaibh mar a dh’ eirich dha. ’Na dheigh sin thuirt e, “Cha d’ ith mi greim an diugh. An ainm an aigh thigibh comhladh rium thun an taigh, feuch am faigh mi beagan dhe ’n airgiod a tha againn ann am pairt gus mo shuiper a cheannach.” Dh’ aontaich an dithis dhaoine dalla falbh comhladh ris. (Ri leantuinn.) NIALL GOBHA. Rugadh Niall Gobha, am fidhleir ainmeil, aig Inbhir, faisg air Dunchaillinn, ann an siorrachd Pheairt, 22 la dhe’n mhios Mart, 1727. Thoisich e a chluich gle og, ach cha d’ fhuair e ionnsachadh bho dhuine sam bith gus an robh e tuillidh air tri bliadhna deug. Bho na bha duil aca ri comh-farpuis a dheanamh eadar an luchd-ciuil ’san duthaich aige, chuir a chairdean air gum feuchadh esan ’san ruith mar an ceudna. Bha am breitheamh, a thug duais dha, dall, agus thubhairt esan gu’n aithnicheadh e “bogha Neill an measg ceud.” Thainig e fo aire teaghlaich Athull air thoiseach, agus ban-diuc Ghordain a rithist, agus an deigh sin, cha robh e fada gus an d’ fhuair e staigh am measg nan daoine a’s ainmeil, agus a’s onoraich ’sam duthaich gus an do shiubhail e. ’Sann an cliuch ciuil dannsaidh a bha Niall gu h-araidh ealanta. Tha fios aig duine san bith a tha eolach air fidhleireachd, gu bheil neart a’ chliuch ’an ceol dannsaidh air earbsadh anns an doigh a tha am fidhleir a’ deanamh tarruing suas a’ bhogha. ’Se seo an ni a chaidh cho math le Niall. Fhad ’sa tha na fuaim a bha daoin’ eile a’ deanamh air an doigh sin mi-chinnteach, agus neo-shoilleir, bha lamh-bhoga cho laidir aige, ’s gu’n do chuir sin, comhla ri a thapachd nadurra ’sa’ cheol, air leth e am measg eadhon na fidhleirean a’s fhearr dhe’n linn aige. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach robh e air thoiseach orra uile. Agus chaidh moran dhe na fuinn Albannach a rinn e, cho math ri doighean ura leis air seann fhuinn Albannach, air an cur an clo le a mhac Nataniel. Bha a choslas uile cho coltach ri fior Ghaidheal, nach mor gu’n robh aon aite san duthaich aig aon am, far nach faicear a dhealbh. Dh’eug e a’ cheud la dhe’n mhios Mart, 1807. Phos e da uair, agus bha coignear mic agus triuir nigheanan aige leis a cheud mhnaoi, ach cha robh gin de theaghlach aige leis an dara te. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 279] [Vol. 7. No. 35. p. 7] LITIR A CEAP NOR. A CHARAID,—Thug mi iomradh ’an litir a mhios s’a chaidh air na bha air dol seachad de aimsir fhior reota aig an am sin. Gann ’s mar bha ’m buntata againn roimhe cha do stad Iain-an-Reodhaidh gus an d’ fhag e na bu ghainne iad. Le fior dhichioll fhuair e ’steach do iomadh seilear; ’s ged nach do ghoid e uiread as aon bhuntata, bha anail cho laidir ’s gu’n d’ fhag i na h-uiread dhiubh gun fheum. Tha moran a’ gearan air Iain, ach cha chreid mi fhein gu bheil coire sam bith ri chur as a leth. Gu de tha e ’deanamh ach a dhleasdanas. Theagamh na’n robh sinne cho dleasdanach ris-san gu’n robh air cuid sheilearan air gabhail aca cho math ’s nach cuireadh esan dragh sam bith air ni de na bh’ air a thasgadh annta. ’S e fior bheagan reodhaidh a bh’ againn o’n sgriobh mi roimhe, agus a nis o’n tha leth an earraich seachad, an la air fas cho fada, agus teas na greine faighinn an tuilleadh cothrom oirnn, cha chuir reodhadh an conn dragh oirnn air a cheann so de’n bhliadhna. Tha biadh spreidhe pailt gu leor anns an aite. Tha mhor-chuid de’n t-sluagh an deigh an cuid connaidh a thoirt a mach as a choille, ’s tha smuid aca nis air a ghearradh, ’s ga sgoltadh as a cheile, air chor ’s nach cuir e cis sam bith orra an am obair dhripeal an t-samhraidh. Cha ’n fhios domhsa ma chaidh bior connaidh a’ losgadh ’an gin de na seann simealairean, ’s an aite so, o chionn dluth air fichead bliadhna. Tha so a’ tarruing m’ inntinn air aig a dh’ ionnsuidh nan laithean a dh’ aom—na bhliadhnan anns an robh moran dhiubhsan a thainig air imrich as an t-seann duthaich do’n aite so, gu laidir, fallain. ’S tearc an aireamh dhiubh a tha ’lathair a nis. ’S ioma-trioblaid agus deuchainn troimh an deachaidh iad—a reiteach aiteachan agus a’ giulan uallaichean troma air droch roidean, a shamhranh ’s a gheamhradh, gus an d’ thainig an t-am anns an robh iad comasach air daimh ’us eich a thogail ’s a bheathachadh gus tomhas mor de’n t-saothair chruaidh ud a dheanamh air an son. Mur bhiodh cho pailt ’s a bha iasg na mara agus nan aimhnichean ’s an am ’s na theann iad ri aiteachadh, b’ eiginn doibh a bhi mar bu trice ’s an dearbh chor no suidheachadh anns an d’ fhuair am Bard MacGilleain e fein le coire luchd nam breug: “Am meadhoin fasaich aig amhuinn Bharnai, Gun dad na b’ fhearr na buntata lom.” Gu cinnteach buinidh dhuinne a rugadh ’s a dh’ araicheadh ’s an duthaich so, ’bhi nochdadh caoimhneas ’us cairdeas do’n aireamh thearc a tha ’lathair de na laoich o’n d’ thainig sinn, ’s gun a bhi idir a di-chuimhneachadh no a cur an suarrachas a bheagain a ’s aithne dhuinn de’n mhoran a rinn iad air ar son. An saoil thu nach buineadh do gach aon de bhaird na ’Briogais” a bhi fada an comain “Ghlinn-a-Bhaird” air son nan seolaidhean soillear a tha e ’toirt dhoibh mu thimchioll bardachd ’n a litir gu Iain Beag? Math ’s mar tha an cuid bardachd, aidicheadh gach aon diubh gu’m feum iad a bhi iomadh la an sas innte mu’n tig iad suas ris-san. Ann am MAC-TALLA an deicheamh la de Shept, ’97, gheibhear “Oran Broin” leis-san a tha fior dhruighteachdan de’n fheadhain a’s docha leam de’n t-seorsa ud a chunnaic mi riamh ’an Gaidhlig, agus nach bu choir a bhi air a leughadh no air a sheinn le aotromas le neach sam bith. M. D. Ceap Nor, Mart 21, ’99. Am Feillire. MART, 1899. 1 Di-ciaduin Bàs Néill Ghobha, 1807. 2 Dior-daoin Breth Prionnsa Tearlach 1720. 3 Di-haoine 4 Di-satharna Bàs Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1790. 5 DI-DONAICH 6 Di-luain Faotainn uaigh Bhruis, 1818. 7 Di-mairt 8 Di-ciaduin An fhéill Dhuthaich. 9 Dior-daoin Bàs Uilleam Guthrie, 1770. 10 Di-haoine Bàs Ailein na Earrachd, 1828. 11 Di-satharna An fhéill Chuinn. 12 DI-DONAICH IV Donaich dhe’n Charghas. 13 Di-luain Bàs Uilleam Dhuinn, 1849. 14 Di-mairt 15 Di-ciaduin Glacadh Lucknow, 1808. 16 Dior-daoin 17 Di-haoine An fhéill Phàdruig. 18 Di-satharna 19 DI-DONAICH V Donaich dhe ’n Charghus. 20 Di-luain Séisd Inbhirlòchaidh, 1746. 21 Di-mairt Breith Dhonnachaidh bhàin, 1724. 22 Di-ciaduin 23 Dior-daoin 24 Di-haoine 25 Di-satharna Bàs Uilleam Hamilton, 1754. 26 DI-DONAICH An fhéill Muire. 27 Di-luain Di-donaich nam Pailm. 28 Di-mairt Bàs Righ Seumas VI,, 1625. 29 Di-ciaduin Bàs Sheumais Logain, 1872, 30 Dior-daoin 31 Di-haoine Di-haoiné na Ceusda. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 4, U. 11, M. 53 F An Solus Ur, L. 11, U. 3, M. 39 F A’ Cheud Chairteal L.18, U. 11, M. 10 F An Solus Lan, L. 27, U. 2, M. 4 M BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 280] [Vol. 7. No. 35. p. 8] Oran an Amadain Bhoidhich. Tha e air aithris gur e mac ministear a bh’ ann, a mhuinntir Ghearrloch ’s gu ’n do ghabh e gaol air banarach ’athar. Cha robh am ministear ro thoileach air seo. Coma co dhiubh chuir e a mhac do’n Oil-thigh ’s chaidh na litrichean a bha e ’cur chuice a cheapadh. Là dhe na lathaichibh chaidh innseadh dhi gu’n d’ fhuair e’m bàs ann an tigh-eiridinn. Ghabh i gus an leabaidh ’s cha d’éirich i tuillidh. Air dhàsan bhi air tilleadh dhachaidh co choinnich e mu ’n phàirc, treis bho’n tigh, ach searbhant agus dh’fharraid e dhi ciamar bha bhanarach. “Oh,” ars ise, “nach cuala tu fhein mar tha?” Na dheighidh seo chaidh e s laigh e air an uaigh aice; bha e a caoidh ’s ri bròn ro mhór ’s a réir mar a chuala mise chaidh e cho mor bho ’aire fhéin ’s gu’n robh e ag itheadh an fhiair a bha fàs os cionnn na h-ùrach. Thàinig ’athair an sin ’s ghabh e dha leis an t-stréin. Se buil a bh’ ann gu’n do thréig a chiall e s bhiodh e air uairean na shlaod an sid ’s an seo mar neach gun mhoineid. Ged bha e air dul bho ’reusan bha e siubhal na duthcha—gu math trice gun aodach. Fhuaras e na laigh air là fuar sneachdaidh air taobh sios na Manachainn, mas math mo chuimhne, ’s gun air de chòmhdach ach caob de sheol luinge agus sin fhéin air reothadh air. Chaidh adhlaiceadh an cladh Chille Chriosd faisg air Blàr an Uird. Is e’n t-amadan bòidheach bh’aig an t-sluagh air ’s theireadh cuid ris an t-amadan rùisgt. Tha mi ’dianamh dheth gu ’n do chaochail e bho chionn còrr agus leth-chiad bliadhna. FONN— Cha chadal, cha chadal Cha chadal ’s cha tàmh, ’S mi bhi smaointinn mo leannain Ribhinn thairis chiùin thlàth. Seo a bhliadhna ’chuir ás domh ’S thug a falt’ bhàrr mo chinn. A chuid nach eil deth air glasadh A’ falbh na shad leis a ghaoith. Tha mo shuilean a’ sileadh Cheart cho mire ri allt Tha mo bheul ar fàs tioram ’S tha mo chridhe air fàs fann. Tha osach throm air mo chridhe Nach tog fiodhull na pìob, Bho’n là dhealaich mo leannan Rium air cladach Port Righ. Is diom(b)ach mis’ air mo chàirdean S air mo phàrantan féin, Nach do leig ead dhomhs’ phòsadh An ribhinn òg a b’fheàrr beus. Tha gach aon diubh ag ràdhtinn Fhir gun nàire gun chéill, Is ann a thoill thu do shràcadh Ann san làraich le stréin. Innsidh mise mu m’ leannan— Gruaidh thana dhearg mar ’n ròs, Suil ghorm fodh chaol mhala Slios mar eal’ air an lòn. Beul is binne na teudan Falt na chleitein de ’n òr, Calpa cruinn a cheum eutrom A thogadh m’ éislein s mo bhròn. Is truagh nach robh mi s mo leannan Urrad fad’ ann sa bheinn, Ann an lagan beag soilleir Far ’m biodh an coileach a’ seinn. Gun duine bhi faisg oirnn Far a faiceadh ead sinn Ach mise ’s an òigh so! Righ bu shòlasach sinn. Dhianainn treobhadh a stearrach ’S chuirinn gearran an crann, Ghleidhinnn seòl dhut air aran Ged tha’m beartas air chall. Bheirinn fiadh dhut á fàsach Thogainn amhran le fonn, ’S gu stiùirinn am bàta Air mór àirdead nan tonn. Ged bhiodh agam do stòras Na bheil a dh’òr aig an Righ, B’fheàrr bhi comhla ri m’ Sheònaid Ann an seomar leinn fhìn. Dh’fhuaighinn balt dhut ri brògan Bileach boidheach s cho teann, Gheobhainn corc dhut eòrna Cha bhiodh do stòras-sa gann. Och nan och! mo chùis-mhulaid Mu ni nach urrainn mi ìnns’, Laigh sachd air mo chridh Nach tog fiodhull na pìob. Us an cadal an cadal Cha’n ’eil an cadal an dàn, O nach fhaic mi mo leannan An ribhinn thairis chiùin thlàth. Cha dian lighich bonn feum dhomh No sugh fodh ’n ghréin ach ’t-aon ni, Mi bhi ’faicinn mo cheud-ghradh S mi ’call mo chéill air a ti. A dà ghruaidh mar an caorunn A slios mar fhaoilinn air chàrn, Is e bhi sealltuinn na t’aoduinn A bheireadh, ’ghaoil, dhomh mo shlannt. Tha mo sùilean air sileadh Cheart cho mire ri allt, Tha mo bheul air fàs tioram S tha mo bhil air fàs mall. Chaidh m’astar am mailled S chaidh mo mhisneachd air chall, Is truagh nach d’ chuir sibh mi ’n tasgaidh Ann sa chlachan ud thall. Mo shùilean nis sileadh Mo chridh air fàs fann. Chaill mo chasan an coiseachd S tha mo cheuman air chall. Och! an cadal cha chadal Cha chadal s cha tàmh, Ma bhi smaointinn mo leannain An ribhinn thairis chiùin thlàth. Mairi Aluinn Bhoidheach. (Highland Mary.) A bhruachan, uilld, ’s a thulaichean, Mu chaisteal Ionar-lòchaidh! Gur taitneach leam ur sruthannan, ’S ur bruthaichean fo neòinean! Mu ’r cuairt biodh sàmhradh luiseanach A’ tuinneachadh ’an cònaigh, Oir ’s ann a ghabh mi cead gu bràth De ’m Màiri àluinn bhòidhich! Bu dosrach ciabh a’ bharraich ghuirm Bu chùbhraidh ’n sgitheach blàth’or, Is mi fa fhasgach boltrach ùr ’S mo rùn rium dlùth ’g a càradh Na h-uairean oir, air aingeal sgéith, Grad, tharainn, chaidh ’nar sòlas Oir b’ annsa leam na beath, gràdh Mo Mhàiri àluinn bhoidhich! Le ioma bòid is mànran blàth Mo ghràdh do rinn mi phògadh, ’S a’ gealltuinn tric a còmhlachadh Ar dealachadh bha brònach; Ach O! mo chreach, an reothadh-bàis A mheath mo ghràdh na h-ògan, Gur fuar an uaigh, an t-aite-tàimh Tha nis aig Mairi bhòidhich! Ge fuar ’s a’ bhàs am beulan gràidh A ’s tric a bha mi ’pògadh, Ge dùint gu bràth a’ mhiol-shuil, bhlàth Bha daonnan càirdeil dhòmhsa; ’S an ùir ged thà an cridh’ a’ cràmh A thug dhomh gràdh le deòthas, O! ’n cridh’ mo chuim bi’dh bith gu brath Aig Màiri àluinn bhòidhich! AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 281] [Vol. 7. No. 36. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 7, 1899. No. 36. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XX. A’ DOL AM FEOBHAS. Ged a bha mi gle lag an deigh na fhuair mi de thinneas, cha robh mi fad a’ fàs laidir. Thug a’ bhean choir, chaoimhneil, agus b’ ise sin, an aire mhath dhomh. A bharrachd air na bh’ innte de thur nadair, bha eolas mòr aice air mar bu choir an aire thoirt do dhaoine tinne. Is iomadh latha o’n uair ud a thug mi an aire gu ’m bheil moran feuma ann an arach math. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is treise arach math na meath ghalair” Tha iomadh aon ann a tha ’deanamh beatha dhaoine goirid leis an aineolas. Is anabarrach fhein na tha de thrioblaid ’s de bhròn ’s de bhàs a’ tighinn air daoine air shaillibh an aineolais. Air muir ’s air tir, tha àireamh mhòr a’ dol do ’n t-siorruidheachd a chionn nach aithne dhaibh fhein, no do na daoine ’tha frithealadh dhaibh, an gnothach a dheanamh mar is còir dhaibh. Nach iomadh sgiobair a tha ’cur na luinge air na creagan leis an aineolas? Is ainneamh latha nach cluinn sinn mu bhàis dhaoine a tha air an cur air falbh as an t-saoghal so roimh ’n àm, air shaillibh aineolas dhaoin’ eile. B’ aithne dhomhsa mathair a chuir am mac—aois shia bliadhna deug—do ’n t-siorruidheachd leis an aineolas. Ghabh e fiabhrus, agus an uair a dh’ fhaothaich air, agus a thoisich e ri dhol na b’ fhearr, thug am fear sgil a bha ’frithealadh dha, ordugh teann dh’ a mhathair gun biadh ro làidir a thoirt dha gu cionn àireamh laithean, air eagal gu ’n tilleadh am fiabhrus ris. Ach leis a’ ghradh a bh’ aice dh’ a mac, agus leis an toil a bh’ aice gu ’n grad fhàsadh e làidir, thoisich i ri toirt gruth is uachdar dha; agus thug am biadh laidir so air an fhiabhrus tilleadh ris. Dh’ fhàs e cho tinn ’s nach robh de lighichean anns an t-saoghal na bheireadh o ’n bhàs e. An uair a thainig an lighiche g’a fhaicinn, thuirt e ri ’mhathair, “Thug thu biadh ro laidir do d’ mhac. Mharbh thu do mhac, a bhean bhochd, ach cha b’ ann le do thoil. Is e an caoimhneas-graidh a thug ort am biadh làidir a thoirt dha. Cuimhnich, a bhean, gu ’m bheil caoimhneas ann a ni cron.” Ach theireadh i fhein agus gu leòr eile a bharrachd oirre, “An rud a bhios ’s an dàn tachraidh e. Tha e glé choltach gu ’n robh an uair air tighinn; agus an uair a thig àm a’ bhàis, falbhaidh an duine, co dhiubh a bhios e tinn no slàn.” Tha leithid so de bheachd anabarrach cumanta am measg dhaoine. Agus tha e iomchuidh gu ’m biodh na mearachdan a tha ’n co-cheangal ris air an comharrachadh am mach. Tha ’n duine coltach ri coinnil. Tha coillnean ann a mhaireas uine na ’s fhaide na coillnean eile; oir tha iad air an deanamh a chum gu ’m mair iad fada. Air a’ cheart dòigh, tha daoine ann a’s fhaide bhios beo na cheile, sin ri radh, ma gheibh iad ceartas. Ach gabhaidh a’ choinneal a’s fhaide ’mhaireas, cur as a’ cheart cho math ris an te a’s giorra ’mhaireas. Air a’ cheart doigh, gabhaidh an duine làidir cur gu bàs roimh ’n àm a’ cheart cho math ris an duine lag. Tha ’n uine a chuir an Cruithfhear roimh ’n duine air a suidheachadh a reir a rùin, direach mar a tha ’n ùine mhaireas a’ choinneal a’ gabhail air a suidheachadh a reir mar a chunnaic am fear a rinn i iomchuidh. Cha ’n ’eil de chumhachd anns an t-saoghal na chumas a’ choinneal a’ gabhail aon uair ’s gu ’n tig i gu ’ceann. Ach theid aig daoine air a seideadh as aig àm sam bith an deigh a lasadh, ged nach teid aca air a cumail a’ gabhail an uair a chnamhas i gu ’bonn. Air a’ cheart doigh, cha ’n ’eil de chumhachd anns an t-saoghal na chumas duine sam bith beò aon uair ’s gu ’n tig an t-am anns an do dh’ ordaich Dia dha am bàs fhaotainn; ach gabhaidh e gearradh as aig àm sam bith dhe bheatha. Tha na nithean so so-thuigsinn do neach sam bith a bheir fa near iad le cùram. Ach an àite beachd a ghabhail le curam air gach ni a tha ri ’fhaicinn ’s ri chluinntinn mu ’n cuairt dhaibh, is ann a tha ’n àireamh a’s mò de dhaoine ’dol troimh ’n t-saoghal mar gu ’m biodh na doill ann. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is dall gach aineolach.” Tha mise ’creidsinn gu ’n robh mi air am bàs fhaighinn an uair ud mur b’e cùram, tùr is tuigse na mna còire a ghabh os laimh an aire thoirt dhomh an uair nach robh annam ach an deò air eiginn. Dh’ ordaicheadh dhomh a bhith cho tric ’s a dh’ fhaodainn a’ dol am mach gu iomall a’ bhaile feuch an greasainn air fas laidir. Latha dhe na laithean, an aite dhol am mach gu iomall a bhaile mar bu ghnath leam, thuirt mi rium fhein gu’n b’ fhearr dhomh ceum a ghabhail sios ri taobh na t-aimhne, mar is minic a rinn mi an uair a chaidh mi ’n toiseach do ’n bhaile. Bha mi riamh o’n a thainig dad a dh’ fheum annam, gle dheidheil air a bhith ann am bàtaichean. Agus tha amhrus agam gu’n robh mi air a bhith ’nam dheadh sheoladair, agus, ma dh’ fhaoidte, ’nam sgiobair luinge, nan deachaidh mi gu muir mar a bha m’ inntinn aon uair ag iarraidh orm a dheanamh. Ach bha mo pharantan anabarrach fad an aghaidh marachd. Bha iad a’ cluinntinn mòran mu na bàthaidhean a bha ’tachairt gu math tric aig an àm ud. Cha robh na taighean soluis ach ainneamh, agus bhiodh soithicean ’gam bristeadh air na cladaichean air feadh gach cearn dhe ’n Ghaidhealtachd. Air eagal a dhol an aghaidh mo pharantan, thug mi bòid dhaibh mu’n d’ fhalbh mi o’n taigh nach rachainn gu muir gu brath. Bha fhios agam nan rachainn gu muir, gu’m biodh mo mhàthair ag osnaich ’s ag ochanaich a h-uile uair a chluinneadh i eiteag ghaoithe a’ deanamh fuaim air cliathach an taighe. An latha so, mar a bha mi ’dol a dh’ innseadh, bha mi ’gabhail beachd air na bha de loingeas anns an amhainn, agus mi ’smaointean gu’n cuireadh an sealladh a bha mi ’faicinn ioghnadh gu leor air cuid dhe na seann daoine còire air an robh mi eòlach. Chuala mi dithis no triuir a’ cath-chomhradh ann an Gailig, agus ghrad chuir mi mo chluas ri claisneachd. “Cha chreid mi,” arsa mise rium fhein, “nach bu choir dhomh bruidhinn an duine ud aithneachadh. Is e duine a’s coltaiche ’bhruidhneas ri Domhull beag mac Fhionnlaidh a chuala mi riamh.” Cha robh iad ann an àite faicinn dhomh aig an àm; ach ann an uine ghoirid thainig iad cho dluth dhomh ’s gu’m faca mi gur e Domhull a bh’ ann, agus dithis de Ghaidheil ghasda comhladh ris nach d’ aithaich mi. Ghrad dh’ aithnich mi gu’n robh Domhull an deigh a bhith ’cur eòlais air mac na braiche. Bha Domhull gu nàdarra air dhuine cho fileanta teanga ’s a thachair riamh rium, agus an uair a ghabhadh e glaine no dhà dhe’n stuth laidir, dheanadh e uiread de bhruidhinn ri seachdnar. Thuig mi gu math air a ghuth ’s air a choltas gu’n robh e cho math dhomh a sheachnadh, nam b’ urrainn mi. Cha robh fuath sam bith agam air agus cha mhò na sin a bha fuath aig’ orm; ach b’ fhearr leam aig an àm gun e ’thachairt rium idir. Cha do leig mi orm gu’m faca mi e gus an d’ thug e fhein an aire dhomhsa. Cha bu luaithe ’s a mhothaich e dhomh, na ghrad thainig e far an robh mi, agus rug e air laimh orm ’na dha laimh, agus thuirt e, “Ciod e an saoghal sin a th’ agad, Eachainn? Is fhearr leam d’ fhaicinn na ged a bheirteadh dhomh each air shrein. Stad ort; dh’ fhàs thu àrd o’n a chunnaic mi roimhe thu; ach cha ’n ’eil greim air do chnamhan na’s mò na th’ air a’ chlobha. Tha cailleachan a’ bhaile mhòir an deigh eitig a chur annad. Na biastan suarach, cha dùirig iad ach gann greim dhe’n bhiadh a thoirt do dhaoine. Nan robh thusa aig do mhathair fhein cha bhiodh i fada ’gad chur bhar na togalach. Tha im is uighean is baine gu leòr aice an dràsda. Sin agad an rud a chuireadh smuais ’na do chnaimh agus ruthadh ’na do ghruaidh. Cha dean thu dad a’s fhearr na falbh sgriob dhachaidh an uair a bhios am bàta mòr agam fhein a’ falbh. Gheibh thu dhachaidh gun sgillinn fharaidh.” Dh’ innis mi dha cho luath ’s a fhuair mi cothrom air facal a chur a steach ’s a’ chomhradh, gu’n robh mi air èirich a droch thinneas a ghabh mi, agus gur e sid bu choireach gu ’n do chaill mi mo dhreach. Thuirt mi ris, gu’n robh a’ bhean aig an robh mi fuireach cho math dhomh ’s nach ruiginn [?] gearain oirre gu bràth. Ach a dh’ aindeoin na theirinn ris cha stada[?] chaineadh nan “cailleachan Gallda mar a theireadh e fhein. “Cha ruig thu leas a bhith ’g innseadh dhomhsa mu na cailleachan Gallda,” arsa Domhull. “Na biastan dubha; is fhad’ o b’ aithne dhomhsa feadhainn dhiubh. Agus b’ sin [?] droch phòr iadsan. A’ cheud uair a thainig mi do’n bhaile so bha mi ’fuireach aig te dhiubh, agus bha i ’cur roimpe gu’n tugadh i orm a posadh ge b’ oil le m’ chridhe. An uair a thuig mi gu’n robh i air thuar lion mo mhillidh a chur mu m’ chasan, phàigh mi màl na seachdain, agus thug mi mi-fhein as do cheann eile ’bhaile.” “Cia mar a chaidh dhut ’na dhéigh sin?” arsa fear dhe ’n dithis a bha comhladh ri Domhull. “Cha deachaidh ach meadhanach,” [TD 282] [Vol. 7. No. 36. p. 2] arsa Domhull. “Ged nach robh a’ chailleach aig an robh mi ag iarraidh gus mo phòsda, bu ghlè thoigh leatha greim fhaotainn air gach ni a bhuineadh dhomh. Cha robh innte ach a’ bhana-mheirleach cho mòr ’s a sheas riamh ann an bròig leathair. Ghoideadh i an t-ugh o’n chorr nan deanadh te sam bith e.” “C’ar son nach do bhreab thu i?” arsa am fear a labhair roimhe sid. “A dhuine gun tùr, agus bu tusa sin! An deanadh tu fhein gniomh cho suarach ri lamh no cas a thogail ri boirionnach? Tha eagal orm nach ’eil an fhiòr fhuil Ghàidhealach a’ ruith ’na do chuisleansa, ged a tha ainm Gaidhealach ort. Nam bitheadh, cha smaoinicheadh tu gu bràth air breab no dorn a bhualadh air boirionnach.” Cha d’ rinn am fear eile ach gaire an uair a chual’ e so. Bu duine gun tuasaid a bh’ ann. Ach o’n a bha Domhull rud eiginn blath, bha toil aige beagan spors fhaotainn air a shaillibh. Bha Domhull air an tuilleadh càinidh a dheanamh air cailleachan Ghlasacho mur b’e gu’n d’ thainig Gaidheal eile far an robh sinn. Co bh’ ann ach Aonghas mac Alasdair Bhain, a bha aon uair a’ fuireach ann am Port an t-Sruth. Bha Aonghas aig an àm air ùr-thighinn as na h-Innsibh an Iar, far an robh e ’na ghille-bùthadh aig fear de mharsantan Glasacho fada deich no dusan bliadhna (Ri leantuinn.) FEARCHAR MAC SHEATHACHAIN. (Air a leantuinn.) An deigh an sgrudaidh air Finchley Common, bha Fearchar Mac Sheathachain, agus fear Calum Mac-a-Phearsoin, a b’ oifigeach anns a’ bhannal, ri ol ann an taigh osda eiginn, an uair a thainig triuir uaislean Sasunnach asteach, agus rinn iad suidhe aig an bhòrd riutha-san, agus thàinig tarruing aca le ’cheile, agus mhol iad an cath-bhuidheann, an aodach, agus an duthaich, agus chuir iad an gabhann, an sodal agus am brosgul sin an deaghaidh na h-Alba a tha cho comasach air iom ghabhail a’ thoirt air inntinn Albannaich agus e fada o’n taigh; agus b’ fhada, b’ fhada bhuapa gu deachdta, bha gleanntan boidheach na h-Alba leis na Gàidheil bhochda aig an àm dheuchainneach sin, ach tha sinn an diugh na’s glice na gu’m fag sinn aitean tathaich ar sinnsearan air son gabhail anns an arm dhearg. B’uaislean Fearchar agus Calum, agus ite na h-iolaire ann am boineid an dithis aca, agus iad air an deagh fhoghlum, agus Beurla chothromach ’nam beoil, oir b’ann anns a’ Ghaidhlig a’ theagaisgeadh iad, agus b’i a bu slighe-stiuraidh dhaibh gus a’ Beurla fein, agus mar sin bha an da theangaidh aca, ni a tha ’na bhuannachd mhor do shluagh sam bith seach sluagh aona-chainnteach. “B’ fhearr gu’n robh sinn air ar faicinn leis an Righ, co dhiubh,” arsa Calum, “b’fhada an greis a thug sinn air tighinn o Alba, agus is e sin a tha againn air a shon.” “An e gu’m beil sibh cho baoghalta agus a’ bhith a’ creidsinn gu’n do chuir an Righ suim sam bith anns a’ chuis?” dh’fheoraich duine uasal a bha ’sa chuideachd le gaire neo-chreidmheach oir bu chairdean do Righ Seumas e fein agus iadsan a bha ag iadhadh mu’n cuairt air, agus b’ fhir-fidridh agus luchd-eignichidh iad do ’m bu dreuchd troimhe-cheile a’ thogail an aghaidh an taoibh eile, agus bu cheart choma leo co rachadh a’ dholaidh nam buinigeadh iadsan. “Ciod e is ciall dhut?” dh’ fharraid Mac-a-Phearsoin le ioghnadh. “Is e so is ciall dhomh, a’ ghobhallain, nach ’eil ann de’n fhadal a bha air an Righ gu bhur-faicinn, ach innleachd mhealltach, ribe.” “Ribe?” “Seadh, ribe, leithsgeul cealgach na h-uachdranachd gu bhur taladh o ’n dùthaich agaibh fein, chum bhur fògraidh fad uile laithean bhur beatha thar nan cuaintean.” “Cia chuige?” “Is coma sin, is coma sin, gu dearbh, gu America, math dh’ fhaoidte,” facal a b’ionnan aig an am sin agus an daorsa bu chruaidhe a shàruich duine riamh. “No gu Botany Bay,” chagair fear eile gu tnuthach, “ach cuiribh ribh agus gabhaibh bodach eile de’n bhranndaidh, cha’n eagal duibh; ge b’e aite is ceann uidhe dhuibh, cha ghabh a chreidsinn gu’m beil duthaich a’s miosa na an duthaich agaibh fein ri a faotainn.” “Tapadh leibh,” fhreagar an laoch, gu h-uallach agus gu ro uaibhreach, agus iomairt fhadalach aig a laimh air a’ bhiodaig, “cha’n eil an corr de ’n bhranndaidh a’ dhith oirnn.” “A’ dhaoin’ uaisle, creidibh mise,” arsa an claoidhear, fear an droch bhrath, “is e tha fa’near do’n uachdranachd an uairead daoine agus a ghabhas, a’ thoirt as an duthaich cho luath agus a gheibh iad air falbh sibh gu seachd sonruichte na fir-feachd, agus cairdean Sheumais. Cha ’n ’eil ann dheth so ach innleachd de an doigh riaghlaidh aca.” “Uaislean,” ghlaodh Mac Sheathachain, agus e a’ tarruing a bhiodaige, agus fonn air a bhith cho ceart da-rireadh agus a thug air cach am bord a’ chur eatorra fein agus na Gaidheil, “am mionnaich sibh air an iaruinn naoimh, gur i an fhirinn a tha agaibh?” “Ciod a tha ’nad bheachd?” fhreagair iadsan gu sgathach, agus an dearbh-eagal orra. “Am mionnaich sibh air an iaruinn naoimh—cha’n aithne dhuinn mionnan ni ’s teinne,” fhreagair an Gaidheil, suidhichte ’na run ach gu math air a shocair. “Mionnachaidh mi air dad sam bith a’s math leat fein,” fhreagair an Sasunnach air dha ’bhith cinnteach nach robh an Gaidheal air los a dhochair. “Is i an fhirinn a tha ann,” ars’ esan, a’ leantuinn roimh, agus e a’ caogadh ri a chompanaich, “oir is ann le Phil Yorke, an t-ard-fhear-ionmhas a dh’ innseadh dhomh e, agus esan ’na dhluth charaid agam fein.” Chaoirich suilean Mhic-a-Phearsoin le fearg-thamailt, agus bhuail Fearchar a bhathais, agus cuimhne a bhruadar agus a dheuchainn ann an gleann na sgaoime a’ bruchdadh ’na still ’na inntinn le ionnsuidh ghairg. “Is fior dhuibh,” arsa an treas choigreach, an geall air a chuid fein a’ chuir ris an do-bheart chealgach, “cha ’n eil ann dheth ach cuilbheart na Parlamaid, agus tha sibhse brathta aca, mar a tha ar n-uachdarain an duil gu’m basaich sibh comhla ris na caoraich leis an tinneas-chaitheimh.” “Cha duirigeadh iad ar mealladh, cha bu dana leo!” arsa Mac-a-Phearsoin, le feirg, a’ dornaicheadh cas a’ chlaidheimh aige. “C’arson nach duirigeadh?” “Ann an duthaich nam fineachan, bhitheadh leth-cheud claidheamh mor air a’ chloich-bhleith gu ar dioladh.” Cha d’ rinn iad ach gaire ris an tearradhd sin. “Rinneadh sibh ’nur slatan-sgiursaidh le Righ Deorsa chum ur luchd-duthcha fein a’ chumail fo smachd, agus a nis cuirear ’san teine sibh, mar nithean gun fheum,” fhreagair a’ cheud Sasunnach le sgeig. “Air Dia agus air Mhuire!” thoisich Calum, a’ glacadh a chlaidheimh an run dioghaltais a’ thoirt am mach air fear-eiginn. “’Nad thosd, a’ Chaluim,” thubhairt Fearchar, agus e a’ dol anns an eadraiginn, “tha an Sasunnach ceart agus chaidh ar brathadh. Bithidh gach ni mar is aill le Dia. Rachamaid an dail an Fhreiceadain Duibh, agus is mairg na Sasunnaich agus an sgaomaire Gearmailteach sin, an Righ aca, ma’s e brathadh a rinn iad oirnn.” Ri linn tillidh gu Lunnainn, bha dian-bhreithneachadh aig ar cairdeanne air na chuala iad aig Finchley, agus mar a chaidh a’ cheart inisg a’ chuir agus a’ sgaoileadh le cealgairean eile am measg na reiseimeid gu leir, bha an sgeul gu math air fios aig a h-uile fear roimh tuiteam na h-oidhche, agus b’ ann air boile agus air an dearg chuthaich a bha na Gaidheil uile, agus iad an duil gu’n do bhrathadh iad le breig-righ; oir cha d’rinn teicheadh an Righ, cho obann agus cho doirbh a’ mhineachadh dhaibh-san, ach cur leis an droch bharail a bha aca mar bha. Bha cuimhne bheothail aca a’ bharrachd air sin, air mort Ghlinne-Comhainn agus air an sgrios a rinneadh air Alba bhochd, bheadarraich aig Darien; shaoil leo gu’m b’e so an t-am dhaibh an comhairle a’ chur ri ’cheile, chum bacadh leis an tangnadh a dhealbhadh leo-san a bhreug agus a mheall iad o am beanntan duthchasach. B’e sin am na h-airce; bu tric a thainig bruadar Fhearchair os a choinneamh, mar thargradh air an tubaist ailmsich a bha ri teachd, bu tric a dh’ fhiach e ri a dhearmad; ach briathran an rabhaidh sin—bha iad daonnan ’na chluais—“bithidh duil ri fear feachd ach cha bhi ri fear lic.’ An oidhche an deigh an sgrudaidh, chruinnich a’ choisir gu leir faisg air Highgate. Is beag fios a bha aca air an rathad dachaidh, ach ge beag, cha do chum sin orra. Le tapachd a bha fior iongantach, sheachain iad na rathadan mora, agus a’ coiseachd dhaibh anns an oidhche o choille gu coille, cheil siad iad fein air doigh cho math agus nach robh fios aig an namhaid cia mar a chaidh no c’àite an deach iad, ged a chaidh orduighean a’ chuir o na Tighearnan Breitheamhan a dh’ ionnsuidh gach oifigich aig an robh saighdearan fo cheannardas, beirsinn air na Gaidheil, air neo an duthaich a’ thoirt uapa. Chaidh ceithir laithean seachad, mu’n do rugadh air a’ bhannal bhochd ann an doire dluth, tiugh-phreasach, far an deach iad am follus a’ reir an gnathais re an latha, agus iad fann, lag, gann beo le cion bidh agus dighe, agus le cion cadail agus fasgaidh. Am beul na h-anmoch thainig fear Caiptean Ball chuca, agus bratach-sith an laimh aige, ghabh ar luchd-duthcha gu h-uiseil, agus chualas le Fearchar do ’m bu dreuchd eadar-theangachadh, a chumhnantan “gu’n leigeadh gach fear a chuid airm dheth agus gu’n deanadh e striocadh mar fhear-ceannairc.” “Ma leanas sibh romhaibh fad uair eile, cuartaichte mar a tha sibh le armailt an Righ, cha tig sibh as no bhuaithe, agus is deimhin dhuibh nach dean mi trocair air fear agaibh. Beachdaich gu cruinn air mo bhriathran—ged a thig sibh as air fogradh, cha’n eil tighinn as an uaigh.” Thainig bruadar Fhearchair a rithist ’na chuimhne, ach cha d’ fhuair e cothrom smuainichidh oir bha a leithid de throimhe cheile anns an reiseimeid a nis agus nach bu dana leis a Chaiptean fuireach no falbh, agus dh’iarr e air Fearchar gu’n rachadh a chuir air churam dithis aca, chum agus gu’m bitheadh e tearuinte da falbh; agus an uair a rainig an triuir fir-faire nan saighdearan dearg, thug an Caiptean seachad an uair a dhealaich e riutha a leithid de gheallaidhean agus gu’n d’ aontaich an reiseid gu leir, an uair a chuala iad a gheallaidhean gu’n striochdadh iad, air dhaibh a’ bhith cinnteach gu’n robh a’ choir, agus gun ach i, ri a deanamh orra. Bu dearbh leo gu’n cumadh an luchd-riaghlaidh ris na barantais (air an deach iad an am sgriobhaidh litrichean togail an reiseimeid), nach iarrteadh morlanachd orra ach ’nan duthaich fein. Ach is ann a bhios a choir mar a chumar i. A dh’ aindeoin gach cumhnant agus gealladh gach ceangladh agus cordadh chaidh a’ chuid bu mho dhiubh a’chuir gu Kent, fo Fhreiceadan laidir, gus loingeas a’ ghabhail gu Flanders, agus thaghadh da chiad dhiubh agus thugadh [TD 283] [Vol. 7. No. 36. p. 3] binn fograidh orra fad uile laithean am beatha, agus thugadh iad gu Minorca, Georgia no na h-Innseachan Iar. Thugadh an da chorporal Somhairle agus Calum Mac-a-Phearsoin, agus Fearchar Mac Sheathachain gu Lunnainn, gu bhi air an cur gu bàs. Agus b’e am bas a b’ fhearr leis an leithidean de shar-ghaisgich, na fogradh. B’e Fearchar am fear a bu shamhaiche, agus a bu chiuine dhiubh uile air an turus gu daingneach Lunnainn; ach a’ tighinn an sealladh an dion-chuirn arsaidh sin, threig a chalmachd e, leum tuinn ’fhola air ais air a chridhe agus dh’ fhas ’aghaidh gu glas; thainig ’na chuimhne caisteal a’ bhruadar—an caisteal ceithir-chearnach, le ceithir coilich-gaoithe agus ceithir daingnich—thainig os a chomhair gach tubaist iongantach, allmharra agus gach eagal ioma-chomhairleach de ’n aisling-bhreathail sin a mhothaich e ann an Lochabar diomhair, Lochabar fad as,—bha guth an taibhse ’na chluais uair eile, guth nan allsgadh—oir sin, sin, direach mu a choinneamh an dearbh chaisteal babhunn an oillt; agus mu ’n cuairt air labhairt do-thuigsinneach nam miltean coigreach, agus gach ni eile beag no mor, a dh’ fhairich no chuala e anns a’ bhothan Ghaidhealach. An taobh a bhitheas an dan do’n droing dol, cha bhac ath no aonach; dh’ aithnich an laoch gu’n robh uair ’ga ruith, ach cha do leig e dad air; b’ esan nach do thaisich, b’esan nach do gheill. Thainig a mhaduinn, agus ma thainig, thainig an ceo, eideadh abhaisteach a’ bhaile mhoir. Ach fada roimhe briseadh na faire, bha arm Shasunnach an sealbh air farsuingeachd mhoir mu’n cuairt air bruthaich an Tuir. Bha na Sasunnaich ’nan lan uidheam, agus dearsadh an cuid airm agus dubhachas feilidhean nan Gaidheal, cha b’ ionann agus a’ cheila. B’ iad na Gaidheil so an da chiad a chaidh a’ thaghadh airson fuadachaidh, agus roimh sin, thugadh de chradh orra, bas—no mar a shaoil leo fein le ceartas mort—mort triuir threun uaislean dhiubh fein ’fhaicinn, agus be sin am mort a bu bhriseadh leo-san air daingneachan. Dh’ fhosgladh cachaleithean an daingneach mhoir, agus chualas bualadh mugach drumachan nam freiceadan Albannach, a’ caismeachd gu mall rompa-san, “nach robh ri tighinn gu Lochabar gu brath tuilleadh.” Eadar da shreath de’n “Yeomanry” a bha ’nan seasamh aghaidh ri aghaidh, thainig an triuir a bha fo dhiteadh am mach, air an cuairteachadh le buidheann laidir, aig am bu deas na gunna-bhiodagan, gach fear air chul a mharbh-phaisg fhein, a ghiulaineadh air guailnean ceithir saighdearan. Shiolaidh monmhur na sloigh uile, mar osaig a ghluaiseas a’ choille, ’ga fagail gu balbh, tosdach. Cha robh ann a nis ach dararaich bronach nan craicionn tachdta agus fonn binn cruaidh nam feadanan. An sin a’ cuir grabaidh air spaisdearachd fhuaimnich nan saighdearan, thainig am facal ‘stad’ agus gleang fas nan tri marbh-phaisgean, an uair a leigeadh air an talamh iad, mar astar deich ceum air fhichead o an luchd-urchair. Thubhairt fear aca anns a Ghaidhlig “Bi treun—greiseag bheag agus bithidh sinn dheth—bithidh ar spioradan le spioradan ar sinnsearan foirteil.” “Cha togar an coronach air ar son an so, agus cha togar an carn oirnn anns an duthaich fhais so.” “A’ mhic, cridhe,” thubhairt fear eile aca, agus an aon chainnt sgealparra, dhruighteach aige,” faodaidh sinn gu math ’bhith as an dith sin, ni sinn as an eugmhais, agus gu’m beil sinn a fagail mar dhileab aig ar luchd-gaoil, mar obair-cridhe ar dioladh.” “Ma mheasar an tiomnadh sin, cha diomhain ar bas-ne.” Uair eile, chuir iad dhiubh am bonaidean, le griosadh crabhach; oir bha ’ghrian air eiridh, agus a reir an nos Ghaidhealaich—nos cho sean ri laithean Bhaail—chuir iad failte air. Bha iad geal, glasdaidh, air an claoidh le curam, ach bu lannaireach an suilean, b’ aotrom, diongalt an ceumannan, bu dana, uallach, ’nan seasamh iad, gun fiamh an eagail no a choltas. Shaoil leo gu’m b’iobairtean iad fein, agus nach b’ann gu’n ath-dhiol a rachadh an sgrios, an uair a chluinnteadh an sgeul anns na gleanntan agus mar tha fios, thug an sgeul sin mac-talla a creagan ’s a gleanntan an uair a sgaoileadh bratach Thearlaich Oig an Gleann-Fhiongain da bhliadhna an deigh sin. Bha misneach agus gaisge, uaisle agus duthchas, mar bu dual daibh cothromach, dligheach ’us coir. Theid duthchas an aghaidh nan creag, agus cha’n e gloir a dhearbhas sin ach gniomh. Gun chritheadh, thug iad coinneamh neo-cheannsuichte do’n bhas, a’ leigeil ris a leithid de chalmachd agus a thug air an luchd-coimhead truas a’ ghabhail dhiubh agus cliu a’ thoirt daibh. “Is math nach eil croich an so, is cliuitiche an onoir na ’n t-or, chan fhuiling i clud,” thubhairt Mac-a-Phearsoin. Bhuail an clag. “Am beil sibh ullamh?” thubhairt am Probhaist-freiceadain. “Tha,” arsa Fearchar, “is e a’ mhoch-eirigh Luain an ni an t-suain Mhairt.” “Am fear a bhitheas a bharra-mhanadh am mach, suidhidh e air fail chorraich,” thubhairt e uair eile. “Thig ceann air gach ni, ach maitheas Dhe.” Chaidh iad ann an caidreamh a’ cheile, dhiult iad comhdach a chur air an suilean, ach a’ seasamh dhaibh gu dana, gach fear aig ceann a’ mharbh-phaisg fein thionndaidh iad an aghaidh air na musgan, agus dh’fhalbh iad mar a b’ abhaist daibh tighinn beo nan daoine treun, direach, neo-sgathach. Their cuid gu’m b’e mort nan gaisgeach so, agus gu h-araidh, mort ar caraid, a thug air Cloinn-a-Phearsoin eiridh leis a’ Phrionnsa, bliadhna Thearlaich. Mar is fiu is fiosrach dhomhsa, b’ iad Clann-a-Phearsoin an aon fhine de’n chreideamh Chléireach a chruinnich fo bhratach Thearlaich Bhain Oig. Mharbhadh air blar Dettingen, an Seanailear Clayton, an Sasunnach a bhreug am Freiceadan Dubh o Bheithean Abarfealdaidh; bu mhor an t-aighear a thog a bhas orra. Ach nach iongantach a’ leughadair choir gu’n deanadh am Freiceadan Dubh cogadh aig Dettingen airson nan Sasunnach an deigh na rinneadh de cheilg orra leo, agus sin fo ’n cheannard uamhasach sin, Cumberland? Their an sean fhacal nach meallar an duine glic ach aon uair, ach is ann an deigh laimhe a bhitheas an Gaidheal glic. (A chrioch.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XXIII. Biodh fios agaibh gur e robair a bh’ anns an duine do ’m buineadh an taigh ann an d’ rinneadh an droch dhiol air mo bhrathair. Agus bha e ’na dhuine a bha anabarrach carach, gleusda, agus gle mhi-runach. Chuala e troimh ’n uinneig an comhradh a bha eadar mo bhrathair agus a dhithis chompanach. Air an aobhar sin thainig e an nuas agus lean e iad do thaigh mo bhrathair. An uair a shuidh iad, thuirt Bacbac riutha, “A bhraithrean, feumaidh sinn an dorus a dhunadh, agus an aire mhath a thabhairt nach bi duine beo a staigh ach sinn fhein ’nar triuir.” An uair a chual’ an robair so ghabh e an t-eagal. Ach thug e an aire gu’n robh rop an crochadh ri te dha na sparran. Rug e air an rop, agus dhirich e suas air, fhad ’s a bha na doill a’ feuchainn an robh neach sam bith a staigh, agus a’ dunadh an doruis. An uair a rinn iad iad-fhein cinnteach nach robh a staigh ach iad fhein, shuidh iad a rithist. Leig an robair e fhein an nuas air an rop, agus shuidh e ri taobh mo bhrathair. Bha duil aig mo bhrathair nach robh comhladh ris ach a dhithis chompanach, agus thuirt e riutha, “A bhraithrean, o ’n a dh’ earb sibh rium na chruinnich sinn ’nar triuir a dh’ airgiod a chionn uine mhor, nochdaidh mi dhiubh gu’n robh mi airidh air an earbsa ’chuir sibh annam. An uair a rinn sinn cunntas mu dheireadh, tha fhios agaibh gur e deich mile peighinn a bh’ againn, agus gu’n do chuir sinn ann an deich pocannan iad. Nochdaidh mi dhuibh nach do bhean mi dhaibh riamh o ’n uair ud.” An uair a thuirt e so, chuir e a lamh am measg seann aodaich, agus thug e ’mach fear an deigh fir dhe na pocannan, agus thug e dhaibh iad, ag radh, “Sin agaibh iad; faodaidh sibh a thuigsinn air a chudthrom a th’ annta, gu’m bheil iad mar a dh’ fhag sibh iad. Ach ma thogras sibh fhein faodaidh sibh an cunntas.” Fhreagair a chompanaich agus thuirt iad ris nach robh iad a cuir teagamh, nach robh e onarach gu leor. An uair a chual’ e so, dh’ fhosgail e fear dhe na pocannan, agus thug e deich peighinnean as, agus thug an dithis eile deich peighinnean am fear as mar an ceudna. Chuir mo bhrathair na pocannan far an robh iad roimhe. ’Na dheigh sid thuirt fear dhe na doill ris, “Cha ruig thu leis a dhol a cheannach do shuipearach, tha de bhiadh agamsa na dh’ fhoghnas dhuinn ’nar triuir. An uair a thuirt e so thug e lamh air poca ’bh’ aige, agus thug e as aran is caise ’s measan, agus an uair a chuir e air a’ bhord iad, thoisich iad ri itheadh. Bha ’n robair ’na shuidhe dluth air mo bhrathair, agus bha e ’taghadh a’ bhidh a b’ fhearr a bh’ air a’ bhord agus ’ga itheadh. Ach a dh’ aindeoin cho samhach ’s gu’n robh e, chuala mo bhrathair e, agus ghrad ghlaodh e, “Tha sinn air ar brath; tha coigreach ’nar measg.” An uair a thuirt e so rug e air ghairdean air an robair, agus ghlaodh e aird a chlaiginn, “Meirlich, meirlich!” Agus thoisich e ri gabhail dha leis na duirn. Thoisich an dithis eile air gabhail dha air an doigh cheudna. Bha ’n robair ’g a dhion fhein cho math ’s a dh’ fhaodadh e. O ’n a bha e og, laidir, agus a fhradharc aige, bha ’n cothrom aig’ orra, agus bha e ’toirt bhuillean matha, troma dhaibh uile, mar a gheibheadh e cothrom. Bha e ’glaodhaich, “Meirlich, meirlich,” moran na b’ airde na iad fhein Chuala na coimhearsnaich a ghlaodhaich ’s an aimhreit a bh’ anns an taigh, agus thainig iad agus bhrist iad an dorus. Fhuair iad dragh gu leor mu ’n do chum iad na fir o cheile. Mu dheireadh an uair a chuir iad rudeiginn de shith orra, dh’ fheoraich iad dhiubh ciod a thog an aimhreit eatorra. Thuirt mo bhrathair, agus greim bais aige air an robair, “A dhaoin’ uaisle, is e dearg mheirleach a th’ anns an duine so air am bheil greim agam. Thainig e steach an so a dh’ aon gnothach gus am beagan airgid a th’ againn a thoirt uainn.” Cho luath ’s a thainig na coimhearsnaich a steach, dhruid an robair a shuilean, a’ leigeadh air gun robh e dall, agus an uair a chual’ e na thuirt mo bhrathair, thuirt e, “A dhaoine uaisle, cha ’n ’eil ann ach am breugaire. Tha mise ’toirt mo mhionnan air neamh agus air beath’ an righ gur mi aon dhe ’n companaich, agus gu’m bheil iad a’ diultadh mo roinn fhein a thoirt dhomh dhe na chruinnich sinn a dh’ airgiod. Tha ’n triuir aca ’gabhail orm, agus tha mi ’g iarraidh ceartais.” Cha ghabhadh na coimhearsnaich (Air a leantuinn air taobh 286.) [TD 284] [Vol. 7. No. 36. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., APRIL 7, 1899. GNOTHUICHEAN CUDTHROMACH AN T-SAOGHAIL. TUATHANAICH CHANADA. Tha tuathanaich Chanada gle thric agus le dealas cliuiteach, a’ ceannach baile an deigh baile, agus mar so a’ leudachadh agus a’ meudachadh am fearainn agus an oighreachd. Is ann le durachd agus dichioll sonruichte ’fhuair iomadh Gaidheal anns an duthaich so, fardach co boidheach agus soirbheachadh co gasda. Ach tha e ’tachairt gu minic gu bheil barrachd fearainn aig tuathanaich na ’s urrainn doibh oibreachadh gu ceart, agus gu b’ fhearr doibh a bhi toilichte le farsuingeachd ni bu lugha; oir, bhitheadh e comasach doibh air an doigh so, barrachd aire ’s curaim a bhuileachadh air an achaidhean, agus barr cruithneachd ’us eorna ’s coirce ’s feoir, gu fada ’b’ fhearr a bhi aca. BREATUNN ANNS AN T-SOUDAN. Tha deich bliadhna co-dhiu ’nis, on thoisich rioghachdan mora ’s cumhachdach na Roinn-Eorpa air greim a ghabhail le laimh lag no laidir, le eud cam no direach, air cuibhrionn leathann, fada de Africa agus de chearnan eile de ’n t-saoghal, leis gach eilean ’us fasach a bhuineas da. Dh’ fhoillsich Breatunn gur e ’run suidhichte sealbh a ghabhail agus a ghleidheadh air an t-Soudan, on chiosnaich an Eiphit agus Breatunn an duthaich mhor, fharsuing, bheartach so. Cha bhi tuilleadh amharus no beachd da-thaobhach thall no bhos gu bheil Breatunn a’ dol a dheanamh comhnuidh daonnan anns an Eiphit, agus gu gabh e curam durachdach de ’n Eiphit, maille ris gach aitreabh, ’us comhnard, ’us feur, ’us fochann, ’us loch, agus amhainn a tha anns an tir ainmeil, thorach so. On tha saoibhreas na h-Eiphit dluth-cheangailte ri uisgeachan na Nile, tha aobhar aig gach caraid dileas a bhi taingeil gu bheil an amhainn so bho ’beul gu tus a sruthain bho ughdarras Bhreatuinn agus na h-Eiphit. Cha ’n fhaigh namhaid air bith cothrom gu brath air na h-uisgeachan priseil so ’tharruing air falbh gu tirean eile, ’s bochdainn ’us gort a thabhairt air miltean na h-Eiphit. Tha cheana, neo bithidh ann an uine ghoirid, daimh laidir a’ nasgadh na h-Eiphit agus a h-aimhne aluinn ris na h-uisgeachan pailt eile air am bheil sealbh aig Breatunn ann am meadhon Africa. CECIL RHODES. Tha ’n Sasunnach surdail, misneachail, Rhodes, a’ togail a chinn a rithist gu treubhach, foirmeil, agus a’ crathadh dheth gach ceo ’s smuairein ’us mi-chliu ’chruinnich m’a thimchioll anns an aramach mu dheireadh a bha anns an Transbhaal. Tha coir ’us sealbh aig Breatunn an diugh air oighreachd ro-mhor ann an Africa tuath ’us deas, agus ann an teas meadhon na duthcha. Tha Rhodes, gun tamh, gun sgios, a saoithreachadh airson iarrtuis fein, gu bi cairdeas dluth agus comhnadh suidhichte le gne an dealanaich eadar ceann mu thuath na h-Eiphit agus Ros an Deadh-dhochais, ann an ceann mu dheas Africa. Ma dh’ fhaoidte gu teid aige ann an uine ghearr, air da cheann Africa ’nasgadh air an doigh so. Tha ’na bheachd mar an ceudna, rathad iaruinn a thogail, agus a chur ann an uidheam ghasda, ealanta, eadar Ros an Deadh-dhochais agus tir iomraiteach nam Pharaoh. Tha e aig an am so anns an Roinn-Eorpa. Bha conaltradh aige le Iompaire na Gearmailt, agus fhuair e aoidheachd ’us gealladh fiachail bho ’n uachdaran threun, easgaidh so. Cha ghabhadh MAC-TALLA no mi fein ioghnadh air bith ged a ghiulaineadh Rhodes a mach ann am beagan bhliadhnachan gach iarrtus ’us run ’us innleachd ’us miann a tha e ’g altrum gu dochasach, dealasach a nis. Is e smior a Bhreatunnaich a tha ann an Rhodes. Ma chinneas leis, anns gach obair ’us durachd a tha ’lionadh a chridhe an diugh, is e suaicheantas uasal, oirdheirc Bhreatuinn a bhitheas a’ crathadh araon ann an soirbheas a mheadhoin-la, ’s ann am fafan maoth an anmoich, thar gach rathaid-iaruinn, ’us gach puirt ’us sleibhe ’s comhnaird air am faigh Rhodes coir ann an Africa. AFGHANISTAN ’S NA H-INNSEAN. Tha teachdaireachd a’ tighinn an drasd agus a rithist gu bheil an t-Amcer, righ Afghanistain, gu tinn, agus gu bheil na Ruisianaich a faotainn lamh-an-uachdair thairis air. Tha luchd-riaghlaidh Innsean na h-airde ’n Ear a’ tabhairt da dhuais mhoir gach bliadhna airson a chumail dileas doibh, agus cealgaireachd ’us cuilbheartan Ruisia ’sheachnadh agus a chiosnachadh. Tha ’n Ameer fathast beo, ’s cha ’n ’eil aobhar air bith a bhi amharusach nach ’eil e gu treubhach agus gu firinneach a’ fadadh suas cairdeis seasmhaich do Bhreatunn agus do na h-Innsean. Bu gle mhaith le Ruisia tighinn a stigh do ’n duthaich eireachdail so, ’s uachdaranachd Bhreatuinn a chur bun os cionn. Tha Prionnsachan ’us Raiahan India fior-mheasail air Ban-righ Bhreatuinn, agus air an t-saorsa ’s an tearuinteachd a tha iad uile ’mealtuinn bho sgaile sgairteil cruin Bhreatuinn. Ged gheibheadh Ruisia buaidh air an Ameer, agus ged chuireadh i ’stigh a saighdearan do ’n tir so, rusgadh gach Prionnsa ’us Raiah a chlaidheamh gu duineil agus gu sgipidh an aghaidh Ruisia ’s as leth Bhreatuinn, ’us gach saorsa ’s beannachadh a bhuilich e ’s a tha e gun tamh a buileachadh air miltean India. Is e uachdaran fior chomasach agus eolach ’us tapaidh a tha anns a’ Mhorair Curson, a tha ’sealbhachadh na h-inbhe ’s airde ann an riaghladh India. Gleidheadh e fein agus a luchd comhairle suil gheur, bhiorach air gach ni ’tha Ruisia deonach a chur an gniomh an aghaidh Bhreatuinn. Thug e air Sultan Mhuscait gle luath an cordadh a bhristeadh a rinn e leis an Fhraing, calg-dhireach an aghaidh a’ chumhnaint a bha ’s a tha eadar an Sultan agus luchd-riaghlaidh India. Tha ’m Morair Curson min-eolach air eachdraidh ’s air fineachan Asia, ’s bheir e daonnan fainear nach teid tamailt no eucoir a charamh air Breatunn gun dioghaltas obann ’fhaotainn no ’ghabhail air a shon. CUISEAN CHINA. Cha ’n ann, mo thruaighe, ni ’s fearr, ach moran ni ’s miosa, ’tha cuisean agus cunnairtean China ’fas. Tha gach rioghachd beag ’us mor, bochd ’us beartach, suarach ’us lasgarra, ’g iarraidh, le guth dana, dalma, puirt no rois no cuibhrionn fearainn bho luchd-riaghlaidh na duthcha bheartaich so. Tha ’n Eudailt agus Deanmarc ag innseadh do ’n luchd-comhairle de ’n goirear Tsung-li-Yamen, gu feum iadsan port no acarsaid ’fhaotainn; oir, mur faigh iad cuid de oighreachd lurach China, gu cuir iad longan-cogaidh le ’n gunnachan mora, ’s gu tabhair iad a mach leis an laimh laidir, an caol, no ’n t-eilean, no ’m port, no ’n caladh a tha taitneach ’n an suilean fein. On tha saorsa aig Breatunn bho chuisean ’us bho cheistean bagrach, duilich ann an cearnan eile, tha comas aig a luchd-riaghlaidh air aire ’s modha ’bhuileachadh air China, ’s air comhairle ’s truime ’s a’s smachdaile ’liobhairt do na daoine anfhann, gealtach, amaideach a tha ’feuchainn ri cuisean China ’riaghladh ann am Pecin. LUINGEAS-CHOGAIDH BHREATUNN. Tha Breatunn a’ dol a thogail aireamh de longan cogaidh laidir air a’ bhliadhna so. Tha Ruisia ’s rioghachdan eile ’faicinn gu soilleir nach ’eil ach amaideachd doibhsan a bhi ri oidheirp air cabhlach co lionmhor, diongmhalta, foghainteach a bhi aca ’s a tha aig Breatunn; oir, ma leanas Breatunn air longan cogaidh a thogail mar tha i ’deanamh, bithidh comas aig an leomhann gharg, ma thogras e aig am air bith, air gach fairge ’us loch ’us amhainn ’us port ’us acarsaid ’us caol anns an Roinn-Eorpa gu leir a dhruideadh suas, gun acaireachd ’us gun eisimeil. Cha ’n fhaigh Ruisia ’toil chealgach fein leatha ann an China. Amhaircidh Breatunn gu geur agus gu neo-sgathach as a deigh. Bhitheadh e da rireadh ’na latha grianach, greadhnach, grasmhor, an latha ’chuireadh crioch air riaghladh diblidh, fachanta China, ’s a steidheachadh ann am Pecin luchd-riaghlaidh ura, cumhachdach, a bheireadh beatha nuadh do ’n duthaich gu h-iomlan; agus le comhnadh Bhreatuinn agus rioghachdan onorach eile, ’chumadh suas An Dorus Fosgailte, ’s a phronnadh sios gach aramach ’us eucoir ’us peasanachd. CONA. Tha an soitheach-smùide Bruce aig an àm so a ruith gu Mulgrave, agus a cur an luchd-turuis air tir an sin. Tha fairthleachadh oirre Sidni Tuath a thoirt a mach, leis cho dòmhail ’sa tha’n deigh mhor timchioll nan cladaichean. Bha seachd fichead air bòrd aice air an turus mu dheireadh a rinn i. Am Feillire. APRIL, 1899. 1 Di-satharna Là na gogaireachd. 2 DI-DONAICH Di-donaich Càisg. 3 Di-luain Binn Chlann Ghriogair, 1603 4 Di-mairt Bàs Righ Raibeart III, 1406. 5 Di-ciaduin Faotainn a mach Chanada, 1497. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine 8 Di-satharna Breith Iain Loudoin, 1783. 9 DI-DONAICH Di-donaich Mion-chàisg. 10 Di-luain 11 Di-mairt Bàs Iain Ghalt, 1839. 12 Di-ciaduin Bàs Dheòrsa Cheyne, 1743. 13 Dior-daoin Breith Raibeart Heron, 1807. 14 Di-haoine 15 Di-satharna Bàs Alasdair Gharden, 1791. 16 DI-DONAICH II. Donaich an déigh Càisge. 17 Di-luain An Fhéill Dhonnain. 18 Di-mairt An Fhéill Mholio. 19 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart II., 1390. 20 Dior-daoin 21 Di-haoine Coinneamh Ghlinn’-Eilge, 1653. 22 Di-satharna 23 DI-DONAICH III. Donaich an déigh Càisge. 24 Di-luain Ardsgoil Dhuneideann, 1582. 25 Di-mairt Crunadh Caluim “Ceannmòr” 1057. 26 Di-ciaduin 27 Dior-daoin Blar Dhunbar, 1296. 28 Di-haoine 29 Di-satharna 30 DI-DONAICH Blar Fhontenoi, 1745. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 7, M. 42 M An Solus Ur, L. 10, U. 2, M. 7 M A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 6, M. 29 F An Solus Lan, L. 25, U. 3, M. 8 F [TD 285] [Vol. 7. No. 36. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh bhristeadh a stigh do’n tigh aig Professor Bell, air Beinn Bhreagh, Baddeck, o chionn sheachdainean air ais. Rugadh air a mheairleach anns an Eiphit, air cul na h-Aimhne Meadhonaich. Fhuaireadh aireamh de nithean a bhuineadh do’n tigh air a shiubhal. Thainig fear Daneil Colter ri bheatha fhein ann an Oxford, N. S., Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh. Chuir e gunna an sas ann am fensa air dhoigh ’s nuair a thairneadh e uige e gu’n loisgeadh e. Chaidh an urchair ’na uchd, ’ga mharbhadh air ball. Bha e pòsda, agus coig bliadhn’ deug air fhicheadh o dh’ aois. Chaidh moran airgeid a chosg air aon de shràidean a bhaile so air an t-samhradh s’a chaidh. agus a nis tha e ri fhaicinn nach bu chosguis gun fheum e. Tha an t-sraid sin an diugh cho cruaidh tioram ’sa bhiodh i meadhon an t-samhraidh, agus na sràidean eile lan puill us labair. Tha sinn an dochas gu’n deanar tuilleadh dhe’n t-seòrs obrach ud air an t-samhradh s’a tighinn. Tha Breatunn ag obair air togail rathad-iaruinn anns an t-Soudan air an earrach so. Tha drochaid mhor ri bhi air a cur thairis air an amhuinn Atbarra, 1100 troigh a dh’ fhad, agus ’s ann am Pennsylvania a tha i ri bhi air a deanamh. Tha i ri bhi ullamh an ceann sheachd seachdainean; cha ghabhadh cuideachd Shasunnnch sam bith os làimh a criochnachadh ann an ùine bu ghiorra na seachd miosan. Tha e iongantach iad a bhi cho fad air dheireadh air na Geancaich. Tha fear Domhnull Mac Guaire, mac do Eachunn Mac Guaire, am Port Hastings, air fear de na daoine a tha dol do’n t-Soudan a chur na drochaid suas. Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, rinneadh call mor anns a Chaolas Shasunnach. Bhuail soitheach d’am b’ainm “Stella” a bha ruith eadar Southampton agus eileanan a chaolais, air creig; bha i air a bristeadh na da leith, agus chaidh i fodha an ceann dheich mionaidean. Thatar a deanamh a mach gu robh mu thri fichead de na bh’ air bòrd air am bàthadh, Bha seachd fichead de luchd-turuis air bòrd, a bharrachd air an sgioba, da fhichead duine ’sa dha. Bha ceò trom ann ’nuair a bhuail an soitheach, agus bha i falbh aig a luaths àbhaisteach mur bhiodh cho luath ’sa bha i falbh, dh’fhaodadh nach robh an call cho mor ’sa bha e. Tha e coltach gu robh an ceò a tighinn na mheallan, agus gu robh an sgiobair a feuchainn ri greasad troimhe, ach air do’n mheall mu dheireadh a bhi gle mhor, gu’n do chaill e chùrsa. Tha cùisean ann an eileanan Samoa car troimhe-chéile aig an àm so. Tha Samoa anns a chuan a deas, mu dha mhile de mhiltean an ear air Australia. Tha e air a riaghladh le righ nàisinneach, ach tha sùil thairis aig Breatunn, aig na Stàitean, ’s aig a Ghearmailt air. Chaochail an righ o chionn beagan mhiosan air ais, agus tha dithis a strith air son faighinn ’na àite. Tha luchd-ionaid Bhreatunn agus nan Staitean air taobh mac an righ a bhasaich, ach tha fear-ionaid na Gearmailt air taobh an fhir eile, Mataafa, a bha faighinn an lamh an uachdar air an oighre dhligheach. Mu mheadhon a mhios a dh’ fhalbh, thugadh òrdugh do Mhataafa striochdadh, agus nuair nach d’ rinn e sin, thòisich soitheach-cogaidh Geancach, agus da shoitheach-cogaidh Breatunnach air losgadh air na bailtean. Chaidh àireamh de na reubaltaich a mharbhadh, agus chaill triuir sheoladairean Breatunnach am beatha. Tha a chùis mar sin fhathast, ach cha’n eil teagamh nach striochd Mataafa an ùine ghoirid, agus gu’m bi an t oighre dligheach air a chuir ’sa chathair. Tha ’n lamh a bh’aig fear-ionaid na Gearmailt a’ cur ioghnadh gu leòr air daoine. Fhuair sinn litir as an Iar Thuath a chaidh a sgriobhadh Di-haoine s’a chaidh, agus bha’n t-side ’n uair sin cho fuar ’sa dh’ iarradh duine. Cha robh an reothadh fior cruaidh, ach bha fuachd mor ann, agus cha robh ach fior bheag de choltas an earraich air an dùthaich. Bha an grip aca an sin mar a bh’ againn an so, ach cha robh i cho pailt no cho fior dhona. Tha nighean a mhuinntir Victoria Mines, Maggie Bonnar, air chall o chionn còrr us seachdain. Dh’ fhalbh i o’n tigh air Diciaduin gus a dhol tarsuinn an deigh gu Sidni Tuath, agus beagan an deigh dhi falbh thoisich stoirm a rinn an deigh lagachadh ’sa bhristeadh gu mor, agus tha e ro-choltach gu robh an nighean bhochd an a bàthadh. Cha robh i ach seachd bliadhn deug a dh’ aois. Tha deigh na h-acarsaid a nis air fàs cunnartach. Mu’n àm so an uiridh bha na bàtaichean a ruith. Rinneadh atharrachadh leis a phàrlamaid, air lagh nan ròidean-mora, air an earrach so. Roimhe so, cha robh aig daoine nach obraicheadh an statute labour ri phàigheadh ach leth-dolar air son gach latha bha air a chur m’an coinneamh. An deigh so bidh aca ri 80c a phàigheadh air son gach latha. A bharrachd air sin, cha bhi airgead nan ròidean air fhàgail fo riaghladh gach fir-comhairle ’na sgireachd fhéin, mar a bha roimhe so; tha aireamh dhiubh ri bhi cruinn mar bhòrd-rathaid, agus bidh roinn an airgeid aca-san. Cha’n eil an lagh ùr a dol cho fada ’s bu mhath le daoine, ach tha sinn am barail gu bheil e na’s fhearr na bha ’n seann lagh. Sgaoil pàrlamaid Nobha Scotia seachdain gus an de. Chaidh moran obrach a dheanamh fhad ’sa bha i ’na suidhe, barrachd ’sa b’àbhaist a bhi air a dheanamh bliadhnaichean roimhe. Chuir uaislean a Chouncil iad-fhéin an céill gu math tric air an turus so, ag atharrachadh cuid de na bills a bha air an cur g’ an ionnsaidh à tigh nan islean, agus a tilgeadh am mach cuid dhiubh; cha’n eil teagamh nach robh e ceart agus iomchuidh gu leòr sin a dheanamh air cuid. Bha baile Halifacs ag iarraidh cead mile dolair a ghabhail an iasad air son latha-feill a chumail a’s t-fhoghar s’a tighinn, ach chaidh sin a dhiùltadh. Bhatar mar an ceudna ’g iarraidh cead an fhactoridh chotain a shaoradh o chisean air son na b’fhiach i os cionn deich mile fichead dolair; chaidh sin a dhiùltadh cuideachd, agus feumar cisean a phàigheadh gus an teid a fiach thairis air tri fichead us coig mile deug dolair. Cha robh na Geancaich uige so a faighinn air adhart mar bu mhath leo anns nan h-Eileanan Phillipianach. Bha muinntir nan eileanan a seasamh a mach ’nan aghaidh, a diùltadh ùmhlachd a dheanamh, agus ag radh nach robh iad air an saoradh o’n Spàinn gu bhi air an toirt fo chuing leis na Stàitean. Tha buidheann lionmhor dhiubh fo’n armaibh, agus a cur blàir ri arm nan Stàitean gu math tric. Ach deireadh na seachdain s’a chaidh, fhuair na saighdearan Geancach buaidh orra, ghlac iad baile-mor Malolas, agus cha’n eilear a smaoineachadh gu’n seas iad a mach moran na’s fhaide. Bha Malolas ’na cheanna-bhaile aig na Philipinich; bha riaghladh aca air a shuidheachadh ann, agus fear Aguinaldo ’na cheannard-airm ’s na riaghladair os an ceann. ’Nuair a chuir arm nan Stàtean seisd gu cruaidh ris a bhaile, dh’ fhàg iad e, ’s thug iad na beanatan orra; cha’n urrainn daibh seasamh a mach an sin ro fhada, agus tha dùil aig na Staitean ri sith an ùine ghoirid. Gheibh muinntir nan Stàitean an uair sin cothrom air a shealltuinn do’n t-saoghal ciod a tha iad comasach air a dheanamh ann an riaghladh dhùthchannan a bha air an toirt fo’n cùram leis a chlaidheamh. Ma theid leotha cho math ’sa tha dol le Breatunn anns an obair sin, ni iad gle mhath. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 286] [Vol. 7. No. 36. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 283.) gnothach ris an rud a thog an aimhreit eatorra, ach thug iad thun a’ bhreithimh iad. An uair a sheas iad air beulaobh a’ bhreitheamh, gun fheitheamh ri ’cheasnachadh, ghlaodh an robair, agus e leigeadh air gu’n robh e dall, ag radh, “A mhaighstir, o ’n a tha sibh air bhur n-ordachadh leis an righ gu ceartas a dheanamh eadar duine ’s duine, tha mi ’g aideachadh gu’m bheil mi fhein agus mo thriuir chompanach ciontach. Ach chuir sinn sinn-fhein fo bhoidean nach aidicheamaid ar cionta gus an rachadh ar sgiursadh le slait. Ma tha toil agaibh fios fhaotainn air a’ chionta rinn sinn, feumaidh sibh ar sgiursadh, agus sgiursaidh sibh mise an toiseach.” Bha toil aig mo bhrathair labhairt, ach cha leigteadh leis. An uair a thoisicheadh ri sgiursadh an robair, dh’ fhuiling e fichead buille mu’n dubhart e facal. Mu dheireadh, agus e ’leigeadh air gu’n robh e air a chradh gu h-anabarrach, dh’ fhosgail e an toiseach aon suil, agus an sin an t-suil eile, agus ghlaodh e ris a’ bhreitheamh trocair a dheanamh air, agus stad a chuir air an sgiursadh. An uair a chunnaic am breitheamh gu’n robh a shuilean fosgailte, thuirt e ris. “A dhearg shlaoightire, ciod a’s ciall dha so?” “A mhaighstir,” ars’ an robair, “innsidh mise dhiubh diomhaireachd mhor, ma bheir sibh dhomh mathanas, agus ma bheir sibh dhomh, mar dhearbhadh gu’n cum sibh ri bhur facal, am fainne a tha air bhur meoir. Thug an righ dha am fainne mar dhearbhadh gu’n robh e gus lan mhathanas fhaotainn. “O ’n a gheall sibh mathanas a thoirt dhomh,” ars’ an robair, “feumaidh mi aideachadh dhiubh gu’m bheil deadh fhradharc agam fhein ’s aig mo thriuir chompanach. Tha sinn a’ leigeadh oirnn gu’m bheil sinn dall, a chum gu’n leigear a steach do na taighean sinn, agus do sheomraichean nam mnathan, far am bheil sinn gu tric ’g ar gluasad fhein gu mi-iomchuidh. Feumaidh mi mar an ceudna ’aideachadh gu’n do choisinn sinn leis a h-uile mealltaireachd a bha sinn a’ deanamh, deich mile peighinn. Dh’ iarr mise an diugh air mo chompanaich an da mhile ’s coig ceud peighinn a bhuineadh dhomh mar mo roinn a thoirt dhomh; ach a chionn gu’n dubhairt mi gu’n robh mi ’dol a dhealachadh riutha, cha tugadh iad dhomh peiginn dheth, oir bha eagal orra gu’n deanainn casaid ’nan aghaidh. An uair a thoisich mi ri cur romham gu’m faighinn mo chuid fhein, leum iad orm ’nan triuir. B’ e so a thug orm cuideachadh iarraidh air na daoine ’thug ’n ’ur lathair mi. Tha mi ’n dochas gu’m faic sibhse ceartas agam, agus gu’n toir sibh dhomh an da mhile ’s coig ceud peighinn air am bheil coir agam. Ma tha toil agaibh gu’n innis mo chompanaich an fhirinn dhuibh, feumaidh sibh a thri uiread sgiursaidh a thoirt dhaibh ’s a thug sibh dhomhsa, agus chi sibh gu’m fosgail iad an suilean mar a rinn mise.” Ged a bha toil aig mo bhrathair ’s aig a dhithis chompanach iad fhein a shaoradh o ’n sgainneil uamhasaich a bha ’n robair a’ cur as an leith, cha tugadh am breitheamh cluas dhaibh. “A chrochairean,” ars’ esan, “tha sibh a’ leigeadh oirbh gu’m bheil sibh dall, agus, mar sin, tha sibh a’ toirt air daoine truas a ghabhail dhibh.” “Cha ’n ’eil ann ach am breugaire, agus tha sinn a’ togail ar fianuis ri Dia gu’m bheil sinn dall,” arsa mo bhrathair Cha tugadh am breitheamh cluas no geill a dh’ aon fhacal a theireadh mo bhrathair agus a dhithis chompanach. Dh’ ordaich am breitheamh da cheud buille am fear a thoirt dhaibh. Bha ’m breitheamh ag amharc feuch c’uin a dh’ fhosgladh iad an suilean mar a rinn an robair, agus bha e fad na h-uine an duil gur e an raigeann a bha ’toirt orra an suilean a chumail duinte. Bha ’n robair a’ sior radh, “Nach sibh a tha gorach nach ’eil sibh a’ fosgladh bhur suilean, ar neo sgiursar gu bas sibh.” Mu dheireadh thuirt e ris a’ bhreitheamh, “Tha mi ’faicinn gu’m bheil iad cho rag ’s cho dur ’s nach fhosgail iad an suilean ged a mharbhteadh iad. Tha iad suidhichte nach fosgail iad an suilean air eagal gu’n gabh iad naire an uair a chi iad binn an ditidh sgriobhte ann an aghaidhean gach neach a tha ’g amharc orra. Nam faiceadh sibh iomchuidh e, bhiodh e pailt cho math mathanas a thoirt dhaibh, agus duine a chur comhladh riumsa dh’ iarraidh an airgid a tha ’m falach aca.” Rinn am breitheamh mar a chomhairlich an robair dha. Thug e da mhile ’s coig ceud peighinn do ’n robair, agus chum e an corr aige fhein. Is e am fabhar bu mho a nochd e do m’ bhrathair agus dh’a chompanaich—agus bha e ’smaointean gur e fabhar anabarrach mor a bh’ ann—am fogradh am mach as a’ bhaile, agus ordugh teann a thoirt dhaibh gun tilleadh air ais gu brath. An uair a chuala mise mar a dh’ eirich do m’ bhrathair, dh’ fhalbh mi air a thoir. Dh’ innis e dhomh am mi-fhortan a thainig air. An uair a fhuair mi cothrom thug mi steach do ’n bhaile gun fhios e. Bha e furasda gu leor dhomh a dhearbhadh air beulaobh a’ bhreitheamh gu’n robh e neo-chiontach, agus gu’n robh an robair ciontach, ach cha bu dana leam sin a dheanamh air eagal gu’n cuirinn mi fhein ann an dragh ’s an trioblaid. An uair a chuir mi crioch air innseadh na thachair do mhi-fhortan do m’ bhrathair, rinn an righ gaireachdaich gu leor. Dh’ ordaich e ni eiginn a thoirt dhomh; ach gun stad gus am faighinn e, thoisich mi ri innseadh mar a thachair do m’ cheathramh brathair. (Ri leantuinn.) RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 287] [Vol. 7. No. 36. p. 7] LITIR AS AN IAR THUATH. FHIR-DEASACHAIDH,—’S fhada bho nach robh iomradh as an Iar-Thuath ann am MAC-TALLA, ged a’s fharsuinn a criochan, ’s ged a’s iomadh Gaidheal tha gabhail comhnaidh innte. Mar tha nadurra, tha iad a falbh ’sa tighinn, ach tha barrachd a tighinn ’sa tha ’gar fagail; tha na fior sheann daoine ’fas gann, agus mar an ceudna cuid nach deach fada ’n reis na beatha ga ’n leantuinn. Rinn Sero greim bais air an tir air a gheamhradh so; tha na cruidhean aige ’taiseachadh a nis ’s tha ’n t-am ann. Cha robh sneachda trom ann cho fad so. Cha robh prisean air barr ach iosal air a bhliadhna so; dh’ fhag sin an t-airgiod na bu ghainne na bha e ’n uiridh. Ach cha bhi dith na deireas air daoine ’san aite so, ged nach biodh na dolair ghorma ro phailt aig cuid dhiu. Bha fiabhrus a Chlondaic an ceann iomadh neach an so ’n uiridh, ach cha chluinn mi guth air am bliadhna. Tha Clondaic aig gach aon a bhios dichiollach, ge air bith aite ’m bi e, gun a bhi dol a chogadh ri Righ na h-airde Tuath a dh’ iarraidh fortain, a bharr air gu bheil barrachd a call fortain na tha ga ’n deanamh ann. ’S taitneach a leughadh a tha ’n duilleagan MHIC-TALLA daonnan. Tha gliocas agus ionnsachadh anns an sgeulachd, “Mar a rinn mi m’ fhortain.” Tha mi ’n dochas gu ’n lean sibh air na “Sgeulachdan Arabianach” a thoirt dhuinn. ’S math a tha iad air an eadar-theangachadh. Ach an urrainn sibh innse, na do dh’ aon d’ ar luchd-leughaidh, co dheilbh iad an toiseach? A bruidhinn air eadar-theangachadh, ’s math cothrom a bhreith a thug Gleann-a-Bhaird air na Briogaisean. Feumaidh gun do dh’ fheuch e uime iad iomadh uair mu ’n rachadh aige air innse co b’ fhearr. Cha ’n ’eil teagamh, ga ’n cur uime, (nach fheumadh a dhoigh fhein a bhi aige). ’S eibhinn gle thric a thionndaidheas e mach a bhi cur smaointean Gailig ann am briathran Beurla. Tha na leanas a nochdadh so dhuinn: Tha e air fhagail air duine coir a bha uaireigin ’san t-seann duthaich, aig an robh beagan de sgoil, ach gle choltach nach robh eolach air bruidhinn Beurla. Bha nabuidh fada na goirid bhuaithe aig nach robh Gailig. Thachair e ri Uilleam latha, ’s bha toil aige radh ris, bho ’n a chual e gu ’n robh e dol a phosadh aig ceann a mhios, “’S buidhe, buidhe dhutsa, ’dol a phosadh aig ceann a mhios.” So mar a chuir e ’m Beurla e, “Yellow, yellow, you going to marry at the end of the dish.” Chaidh mart leis ann am bogadh. ’Se suil-chruthaich a theirte ri toll bog de ’n t-seorsa ’san aite ’n robh e tamh. Bha e airson innse ’sa Bheurla gun do thuit a bho ’san t-suil-chruthaich, ’s gun robh i tri latha gun a bhi cnamh a cireadh. So a Bheurla air, “My cow fell into the eye-of-creation and was three days without wearing her comb.” ’S iomadh mearachd ait a bhios cuid a deanamh a feuchainn ri Gailig a leughadh nach bi eolach air a sin. Chunnaic mi gille coir a togail MHIC-TALLA uair, ’s b’e ’cheud rud a chunnaic e, “Taigh-na-Coille,” sgeulachd ghasda bha ’ruith ann ’san am. “De,” ars’ esan, “a tha iad a radh so ma thaigh-na-caillich.” Ach tha ’n t-am sgur, mu ’n cuir mo litir failt air a bhascaid. SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. Moosomin, Mart 8, ’99 A FRAMBOISE. Fada roimh ’n am so an uiridh is ann le cuidhleachan a b’ urrainn dhuinn falbh air rathad, ach faodaidh sinn am bliadhna falbh fathast le sleighe air gach rathad is air an deigh; agus a reir coltais faodaidh sinn sin a dheanamh greis fhathast. Tha mi ’n duil nach d’ thainig dudhlachd bho chionn fada cho cruaidh. Is iomadh uair a chunnaic sinn fuachd agus sneachd a ni bu mho, ach cha chreid mi gu ’m faca sinn geamhradh, bho thoiseach gu deireadh, cho fuar, reota. Cha robh a bheag de shneachda air an lar, agus mar sin fhuair an reothadh cothrom a dhol gu math domhain ’san talamh; agus tha e coltach gu bi sinn air deireadh leis a churachd. Tha biadh spreidhe a fas gu math gann oirnn. Is iomadh aon a bha ’n duil gu biodh gu leor aige agus r’a sheachnadh, a dh’ fheumas a bheag na mhor a cheannach. Ged a bha ’n dudhlachd cruaidh, tha daoine de ’n bharail nach robh an taisealadh a bu choir ann am barr an fhoghair ’sa chaidh, a chionn gu ’n robh am foghar anabarrach fliuch. Tha daoine a nis fein air toiseachadh ri deanamh deiseil airson iasgach nan giomach. Tha mi creidsinn nach bi pris mhor sam bith orra air an t-samhradh ’sa tighinn, a chionn gu ’n deachaidh aon de na taighean ghiomach a losgadh gu lar toiseach a gheamhraidh; is mar sin cha bhi stri cho mor am measg an luchd-ceannach gu pris ard a thoirt orra. Tha ’n deigh mhor gu math trom air na cladaichean an drasda, agus cha ’n ’eil teagamh nach tig i ni ’s truime am bliadhna fhathast. Chaochail Mairearad, bantrach Phadruig ’Ic Leoid, air a mhios so; agus faodaidh mi ’radh gu bi sin duilich leis gach neach a chur riamh eolas oirre. ’S iomadh fear falbhain a thaghail agus a fhuair aoidheachd chaoimhneil agus chairdeil uaipe. Thainig i air imrich maille ri ’fear posda, a Beanntraigh, an ceann an iar na h-Earradh, bho cheann da fhichead bliadhna agus a sia deug. Bha Ceap Breatunn ’san am moran ni bu duilidheadh do choigreach faighinn air aghart ann na tha e ’n diugh; gidheadh cha chuala neach riamh ri gearan i, ach an comhnuidh air iarrtus na h-aithne, lan thoilichte le ’staid, agus inntinn cheart do na h-uile dhaoine. Ach “Is beannaichte na mairbh a bhasaicheas anns an Tighearna.” CEANN LIATH. Mart, 1899. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 288] [Vol. 7. No. 36. p. 8] Ball Ghlinntruim. Ho-rò cha bhi mi gad’ chaoidh na’s mò, Mu threig thu mi, Regretidh mi thù; Mu thilleas tu fhathasd ’s tu m’ aighear ’s mo rùn, Perhaps I will marry you ’s t-earrach co dhiù. Yesterday evening, ’s an fheasgar an raoir We marched away to Ball Ghlinntruim; We couldna get lasses, cha reachadh iad leinn. And going without them bu mhualadach sinn. When we arrived gu’n d’ fhuair sinn ho-ré, They all enquired “nach tug thu leat te?” “We’re better without them,” gun fhreagair mi fhein But never let on nach fhaighinn a h-aon. And when we entered an rùm ’s an robh ’n danns’ The lasses were dress’d anns na fasanan Galld’, With white muslin frocks agus crotaibh na ’n ceann— They would cheer up your heart ged a bhiodh tu fann. With gum-flowers and ribbons gur h-iad a bha briagh’— All trimmed in the fashion nach fhaca mi riamh, With hoops in their skirts ’s ann annta bha ’n liad, They thought nach robh ’n leithid ri’m faighinn ma’s fhior. When the dancing commenced cha robh iad cho gann, And you would get plenty a reidheadh leat a dhanns’; The house was so crowded, bha ’n t-ùrlar cho trang You never saw ’leithid de rabble ’sa bh’ann! The butler then went leis an toddy mu’n cuairt, When they got the whisky, ’s ann aca bha ’m fuaim; The lads were with lasses ri barganan cruaidh, And I went to listen an taice ri’n cluais. The wind was hard blowing an sabhal Ghlinntruim The candles were dripping a mhàin air ar druim, They painted our coats gun fharachdainn dhuinn— If we stayed at home cha d’ eirich sid dhuinn! It was four o’clock, ’s i a’ mhaduinn a bh’ ann, We started for home anns a’ chaoch aig a Ghall; When we reached Cinn-a’-Ghiùbhsaich gu’n deach mi ’na ghleann Regretting the loss bhi gun chadal ’san am. Am Fleasgach Dualach. AIR FONN—“O! mar chuir mi ’n samhradh seachad.” Gum a fada buan an t’-òigfhear, Do’n thug mise ’n gaol a leòn mi; ’S a dh’ fhag mise dubhach bhrònach An lath sheòl e bhuam cho fada. O! nach robh mi thall ’s na beannaibh, Far ’eil m’ annsachd bho’n a crannaibh, O! nach robh mi thall ’s na beannaibh. Bha mi ’n duil bho ’m thaobh nach gluaiseadh, Am fear grinn a rinn mo bhuaireadh Ach s’e b’ fhearr leis bhi ri cluaineas, Far an cluinn e fuaim na mara. O! nach robh mi thall. Ged tha mo cridhe ’n impis sgàineadh, ’S ged tha falt mo chinn gu bànadh, Na ’m biodh agam roinn de thàlant Chuirinn cainnt nan sàr na glaicaibh. O! nach robh mi thall. Thug e cuireadh dhomh ’bha fialaidh, Nach di-chuimhnich mi gu siorruidh, “A dhol thairis leis gu Lional, Far an d’ fhuair e ’chioch na leanabh.” O! nach robh mi thall. Rinn a chòmhradh mi gle luaineach, Cha laidhinn ’s cha’n eirinn suaimhneach, ’S bho’n nach d’ cheadaicheadh dhomh gluasad, Dh’ fhas mo chruth ’s mo ghruaidhean tana. O! nach robh mi thall. ’Nuair a thig an samhradh buadhach, Bi gach té le h-oigfhear uallach, Uraichidh sin dhòmhsa gruamachd, O! nach truagh gu’n deach ar sgaradh. O! nach robh mi thall. Bho’n a’s ni e nach ’eil buailteach Gu’n coinnich mi ’m “fleasgach dualach,” Tha m’ aigne mar lunn nan chuaintean, No mar shneachda fuar na gaillionn. O! nach robh mi thall. O! nach mise tha gu tùrsach, Dh’ fhalbh mo threòir, mo cheòl ’s mo shùgradh, ’Nuair bu chòir dha thigh’n dh’ an dùthaich, Dh’ fhan e thall air cùlthaobh Ghlaschu. O! nach robh mi thall. Na’m biodh agam cung’ dha m’iargainn Cha b’e stòr na stròl a dh’ iarrainn, Ach ’bhi toinnte le mo mhiann A snaim nach fuasgladh sgian’ air thalamh. O, nach robh mi thall. ’S tric a dh’ éisd mi’n duanag bhòidheach, Chuir e suas mu Eilean Leòdhas; ’S iomadh neach do’n tug e sòlas, Chaidh an ceòl ud fada ’s farsuing. O, nach robh mi thall. Ged nach ’eil e’n dàn dhomh ’bhuannachd, Chaoidh cha dean mi chàineadh suarach; ’S cha b’e dhith bhi riomhach, uasal Dh’ fhag a nochd mo chluasag falamh. O, nach robh mi thall. ’Ille dhuinn, ’bha caoimhneil siobhailt Ged nach faic mi ann an tim thu, Ma bhios banacharaid a dhith ort, Cuimhnich air “An Ribhinn Mhaiseach.” O, nach robh mi thall. Cha’n eil beatha Riaghladair na Frainge ro thearuinte. Chaidh fear d’ am b’ ainm Tourret a ghabhail na riochd ’sa thilgeadh ann an Paris seachdain gus an diugh. Bha am mortair an dùil gu’n b’ e an riaghladair a bha aige, agus bha dorran mor air an uair a fhuair e mach gu’n b’ e fear eile a mharbh e. Bha e ’g radh gu robh e ’n dùil gu’m biodh e na ghniomh ceart Loubet a mharbhadh. NADUR EILE. Tha bean-uasal á Montreal a’ sgriobhadh:—“Tha K. D. C. an deigh m’ fhear-posda a thoirt o bhi ’na mhnathan gu bhi na dhuine caoimhneil, gràdhach.” Cha ’n e mhain gu bheil esan a th’ air fhagail crosda, greannach, le droch stamaig, ’na sharuchadh dha fhein, ach tha e na throm-uallach air feadhain eile. ’S ann gle ainneamh a gheibhear sonas comhla ri neach air am bheil an tinneas so, agus bha lan aobhar aig a mhnaoi-uasail so air a bhi taingeil do K. D. C. air son a fear-posda a thoirt o bhi cho crosda ri mathan gu bhi ’na dhuine caoimhneil, gradhach. K. D. C. air son na stamaig, agus K. D. C. Pills air son a chuim. Cuirear sampuill ugad a nasguidh. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 289] [Vol. 7. No. 37. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 14, 1899. No. 37. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXI. BRATAICHEAN NA FEINNE. Bha Aonghas eolach gu leòr air Domhull beag mac Fhionnlaidh, agus air an dithis eile a bha ’na chuideachd; ach cha b’ aithne dha mise idir. Bha e eòlach gu leòr air m’ athair ’s air mo mhàthair. Ach cha robh mise ach ’nam phàisde beag ’s an àm a d’fhalbh e as an dùthaich. An uair a chuir e failt’ is furain air càch, sheall e ormsa, agus thug e crathadh laimhe dhomh, agus thuirt e, “Ged nach ’eil mi ’g ad aithneachadh, tha mi ’smaointean gur e Gàidheal a th’ annad; agus ge b’e air bith àite anns an tachair Gaidheil chòire rium, is math leam failte chridheil a chur orra.” “So agad, ma ta, Eachunn Mac Aonghais ’ic Sheumais, a Baile-bhàird. Is math a b’ aithne dhut ’athair agus a mhàthair,” arsa Domhull. “Bha mise cho eolach orra le chéile ’s a bha mi air mo leith choise. Is iomadh oidhche a chuir mi seachad anns an taigh aca. Tha mi cinnteach gu’n cuala tu fhein, a Dhomhuill, gu’n robh mi ’bristeadh mo chnàmh as deigh Anna nion Eoghainn, an uair a bha i ’na searbhanta aig Aonghas Mac Sheumais. Cha robh Eachunn an uair ud ach ’na lodragan beag mu’n cuairt an teine. Cha ’n aithnichinn cnàimh dheth mur innseadh sibh dhomh co e. Is ann ri cuideachd do mhàthar a chaidh tu,” ars’ esan ’s e labhairt rium. “Cha’n eil mi coltach aon chuid ri cuideachd mo mhathar, no ri cuideachd m’ athar,” arsa mise; “tha mi fhathast gun fhaighinn as cionn an droch thinneis a ghabh mi, agus tha fhios agam gu’m bheil fior droch thuar orm. Tha mi fhathast cho lag ’s nach ’eil e sàbhailte dhomh car obrach a dheanamh. Ach an uair a thig mi gu mo dhreach fhein, cha’n ’eil teagamh nach aithnichear co ris a tha mi coltach.” An uair a bha sinn a’ comhradh mar so, bha sinn a’ coiseachd air ar socair suas an t-sraid. Bha sinn a’ comhradh mu chaochladh nithean air nach biodh feum sam bith dhomh iomradh a thabhairt an so. Mu dheireadh ràinig sinn ceann na drochaide mòire. Chuir Aonghas Mac Alastair Bhàin roimhe gu ’n rachamaid ’nar ceathrar comhladh ris a ghabhail drama. “Gheibh sinn,” ars’ esan, “uisge-beatha cho math ’s a dh’ òl duine riamh aig mo sheana charaid is m’ fhear-eòlais còir, Harst Mac Lachlainn. Is ann uaithe ’ghabh mi an dram mu dheireadh a dh’ òl mi mu ’n d’ fhalbh mi do na h-Innsibh am Iar; agus an latha ’thill mi air ais do’n bhaile so, ghabh mi dìreach far an robh e, agus fhuair mi e mar a dh’ fhàg mi e—’na Ghàidheal còir, ceanalta gun phròis, gun mheud mhòir, gun uaill, ged a tha gu leòr aige dhe’n t-saoghal. Cha’n ionnan is iomadach fear eile a dh’ fhaodainn ainmeachadh dhe na Gaidheil a thachair rium o’n a thàinig mi air ais do’n bhaile so o chionn mhios. Tha fear is fear dhiubh a tha leigeadh orra gu’n do chaill iad a’ Ghailig. Ach ma chaill iad i, cha d’ fhuair iad a’ Bheurla. Tha seachd bliadhna deug an earraich so chaidh o’n a dh’ fhalbh mise a taigh m’ athar, agus ged a dh’ionnsaich mi cuid mhath Bheurla o’n uair ud, cha do chaill mi aon fhacal dhe mo chuid Gailig. Fad nan deich bliadhna bha mi air falbh anns na h Innsibh cha do thachair duine rium ris am bruidhninn Gailig. Ach nan robh mi cho làn dhe’n phròis ’s dhe ’n mheud-mhoir ri iomadach fear de Ghaidheil a’ bhaile so, bhithinn an diugh a leigeadh orm nach b’ aithne dhomh ach gann Gailig a labhairt.” Cha dubhairt fear seach fear dhinn facal leis no ’na aghaidh. Thuig sinn nach robh feum sam bith dhuinn feuchainn ri ’thoirt as a bharail. Bha mi fhein riamh glé fhad an aghaidh a dhol do sheomar òil ann an cuideachd dhaoine a bha gu math blàth le uisge beatha; ach cha robh dol as agam an lath’ ud. Ged a ghuidh mi air Aonghas mo leithsgeul a ghabhail, cha’n eisdeadh e rium. Rug e air ghualainn orm, agus chuir e steach roimhe mi air dorus an taigh-òsda. Ged a theannainn ri cur ’na aghaidh am muigh ’s am mach, bha fhios agam nach deanainn feum a b’ fhearr aig an àm na càineadh is diumbadh a chosnadh dhomh fhein. Ach nan robh mi cho glic ’s bu chòir dhomh ’bhith, bha mi air mo chasan a thoirt as, agus leigedh leotha ’nan ceathrar a bhith ’g òl gus an ruigeadh an corrag air. Cha robh sinn fada ’s an t-seomar òil an uair a thainig triùir no ceathrar eile steach. Dh’ fheumadh a h-uile fear a thigeadh a steach dram a ghabhail o na fir a bha staigh roimhe; agus a chum gu ’m biodh e cho fada ’mach ri càch, cha stadadh e gus an tugadh e deando na fir a thug dram dha. Chuir mise romham nach blaisinn air deur uisge bheatha; ach ghabh mi beagan leanna, o’n is e an aon deoch a bha’n doctair ag ordachadh dhomh. Bha h-uile fear ’g am choiteach gus deur beag a ghabhail uaithe fhein; ach an uair a chuir mi mo chasan a dh’aon taobh, agus a dhiùlt mi am muigh ’s am mach blasad air deur dhe na bha iad a’ tairgseadh dhomh, sguir iad a bhith ’ga choiteach orm. Lean na fir air an òl gus an robh am feasgar ann, agus bha iomadach comhradh gun dòigh aca. Bha mi ’gabhail ioghnaidh nach robh iad a’ tuiteam thairis leis an daoraich. Agus tha mi ’creidsinn gu’n robh fear no dithis dhiubh a thuiteadh fo’n bhòrd mur b’e gu’n d’ thug Harst a steach aran is càise. Thug e air na fir a bha air iomall na daoraich gu’n do ghabh iad dhe’n bhiadh na chum iad gu’n a dhol bhar an cas. Bha dithis no triuir dhiubh a dh’ fhàs glé ghreannach, frithir, ri ’chéile. Cha robh toil aig Harst tuasaid fhaicinn ’na thaigh, no idir fear seach fear dhiubh a chur am mach as an taigh. Agus a chum sith a ghleidheadh gus am fuaraicheadh na fir, thuirt e ri fear dhe na bh’ anns an t-seomar, “A Neill Bhain, gabh dhuinn Brataichean na Feinne. Is fhad o nach d’ thainig duine an rathad so a ghabhadh aon de dhuain na Feinne. Tha fhios agam gu’m bheil a’ chuid mhòr dhiubh agadsa.” Thuig Niall Bàn gur ann air ghaol sìth a dheanamh eadar na fir a dh’iarr Harst air Brataichean na Feinne a ghabhail. An uair a rinn Niall casad no dhà gus a ghuth a ghlanadh, thuirt e, “Feumaidh mi innseadh dhuibh an toiseach mu’n aobhar air son an d’ rinneadh an Duan so:— “Aig Druim-dealg, no Druim-dealachaidh, am braigh Earra-ghaidheal, ainm a tha freagarrach do’n àite do bhrigh gu’m bheil an sin dà mhathair-uisge, aon diubh a’ dol calg-dhìreach ’san aird an iar do’n fhairge aig Sruth-Laoire (ris an abrar a nis, a’ Chona-thuil;) agus an t-uisg’ eile ’dol ’san aird an ear do’n fhairge, eadar Peairt agus Dundeaich. Anns an àite so thug Fionn fleagh do chinn-fheadhna na Feinne, agus do mhòran d’a uaislibh. Ach bha dithis d’a ghaisgich, Raoine agus Ailde, do nach d’ thug e cuireadh. Air dhaibhsan fios fhaotainn gu’n d’ fhuair maithean na Feinne cuirm, ghabh iad e ’na tharcuis, agus thug iad bòid gu’m fàgadh iad teaghlach Fhinn, agus gu’n cogadh iad le Righ Lochlainn ’na aghaidh, gus an deanadh iad dioghaltas air Fionn, agus air a mhuinntir, an lorg an eas-urraim a fhuair iad. Chuir an dà laoch leoghante, ard-inntinneach so an lùirichean agus an airm ghaisge ann an luing, agus sheòl iad gu ruige Lochlann. Chaidh iad air an aghaidh gu cathair na Beirbhe, agus dh’ innis iad ciod a bha ’nan rùn. Thug Righ Lochlainn di-bheatha dhaibh le greadhnachas agus mor-shubhachas. Dheasaich e cuirm dhaibh, agus rinn iad fastadh bliadhna ris. Bha Ailde ’na laoch maiseach agus deas-chainnteach; bha e mar leoghann curanta an àm feirge, agus mar mhaighdinn chiùin, bhinn-ghuthaich, bheusaich an àm sithe. Ghabh Banrigh Lochlainn gaol air. Roghnaich i an Gàidheal treun so air thoiseach air Earragan agus a shaoibhreas gu lèir, a thalla, agus a rioghachd. Ghluais i le Ailde agus le Raoine o leabaidh an righ, agus thainig iad air an ais do dh’ Alba, agus fhuair iad cairdeas o Fhionn. Chruinnich Earragan uile chinn-fheadhna a rioghachd, agus ’armailtean gu leir. Thainig e le feachd lionmhor gu cogadh ri Fionn ’s ri chuideachd. Cleachdadh suairc a bh’ aig Fionn do ghnath, thairg e duais, no cumha, do Righ Lochlainn nan tilleadh e air ais ann an sith. Dhiult Earragan duais sam bith a ghabhail mur rachadh Fionn agus uile chinn-feadhna na Feinne a chur fo bhreith, agus a chreach a thoirt gu tràigh, agus an ceann a thoirt bhar Ailde ’s bhar Raoine, agus moran de mhaithibh na Feinne a chur gu bàs a thuilleadh air an dithis so. B’ fhearr le Fionn agus le [?]eachd cath garg a thoirt do na Lochlannaich, na cinn an cuid ghaisgeach a thoirt seachad le saidealtas. Chaidh Fionn ’s a chinn-fheadhna, agus armailtean am mach le ’m brataichean, agus ged a bha an àireamh tearc an coimeas ris an t-sluagh lionmhor a thainig a Lochlann, thug na Gaidheil threuna buaidh orra. Ach thuit corr is leith nam Fiann an latha sin, agus cha deachaidh duine de na naimhdean air an ais a dh’ innseadh co thug buaidh ’san ar-fhaich. Tha e feumail a thoirt fa near gu’m b’e am Filidh duanach, gille a bha aig Fionn car seal; ach bha e ’san àm so aig Righ Lochlainn, agus bha e eolach air Brataichean na Feinne:— Ged gheibheadh Righ Lochlann sud, Na bha de mhaoin ’s de sheudan an Alba, Cha tilleadh e a shluagh air ais Gus am biodh na Fianntaidh uile fo cheannas. [TD 290] [Vol. 7. No. 37. p. 2] Sgaoil Fearaghus a bhratach o chionn, Mar chomharradh gu’n dhiult righ Lochlainn cumha: Ghluais an Fheinn gu fòil, Chum liodairt agus leonadh Lochlann. Thainig sluagh lionmhor bhar nan tonn, Thainig sud ’s bu trom an fheachd. Suil d’ an d’ thug Righ Lochlainn uaith, Chunnaic e bratach a’ teachd am mach, Agus laoch gasda air a ceann, ’S i air dealradh do or Albannach. Co i a’ bhratach so, Fhilidh dhuanaich? ’Ni sud bratach mhic breun-bhuadhaich? Chi mi laoch gasda air a ceann ’S i fein a’ togradh thar shluaghaibh. Cha ’n i sud ach an Liath-luinneach, Bratach Dhiarmaid o Duimhne. ’N tra thigeadh an Fheinn uile ’mach, Gheibheadh an Liath-luinneach toiseach. Co i a’ bhratach so, Fhilidh dhuanaich? ’N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich? Chi mi laoch gasda air a ceann, ’S i fein a togradh thar shluaghaibh. Cha ’n i sud ach an Aonachasach Ruadh, Bratach Raoine nam mor-shluagh: Bratach leis an sgoiltear cinn ’S le ’n doirtear fuil gu’n aobrannaibh. Co i a’ bhratach so, Fhilidh dhuanaich? ’N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich? Chi mi laoch gasda air a ceann, ’S i fein a’ togradh thar shluaghaibh. Cha’n i sud ach a’ Bhreachaill-bhrochaill, Bratach Ghuill mhoir mhic Morna, Nach d’ thug tarruinn riamh air ais, Gus an do chrith an talamh trom glas; ’S e bu shuaineas di ’n srol buidhe, Toiseach teachd is deireadh falbha. Co i a’ bhratach so, Fhilidh dhuanaich? ’N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich! Chi mi laoch gasda air a ceann, ’S i fein a togradh thar shluaghaibh. Cha’n i sud ach an Dubh-nimhe, Bratach Chaoilte mhic Re-tha; Air a’ mheud ’s do ’m biodh ’s a’ chath Cha bhiodh iomradh ach air an Dubh-nimhe. Co i a’ bhratach so, Fhilidh dhuanaich? ’N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich? Chi mi laoch gasda air a ceann ’S i fhein a’ togradh thar shluaghaibh. Cha’n i sud ach an Sguab-ghabhaidh, Bratach Oscair chrodha, laidir; An uair a ruigteadh cath nan cliar, Cha b’ fhiu fheoraich ach an Sguab-ghabhaidh. Thog sinn Deo-ghreine ri crann, Bratach Fhinn bu gharg ’s a’ ghreis; Loma-làn de chlachaibh ’s do’n òr, ’S ann leinne gu’m bu mhor a meas. ’S duilich dhutsa na bheil ann, Deo-ghreine mhic Cumhaill ri crann, Is naoi slabhraidh ghasda sios De’n òr bhuidhe a’s mòr pris, Is naoi naoi lan ghaisgeach Fo cheann a h-uile slabhraidh. Cromaibh bhur cinn ’s a’ chath Is deanadh gach flath mar a gheall; Is dearbhaibh do Lochlann ’san uair so, Gu’m bheil treun-laoich chruaidh am Mor-bheinn. Bu lionmhor ceann ’ga mhaoladh Agus guaillean ’g an snaigheadh. O éirigh ghrein gu feasgar; ’S cha deach o fhaobhar lann gu luingeas, Ach aon mhile do shluagh brarraicht’; Theich iad mar shruth o mhullach beinne, Is sinne ’s a’ chath ’gan iomain. Bu lionmhor Fianntaidh agus sonn, Agus curaidh trom toirt; Ach samhail do Oscar mo mhac-sa, Cha robh aca thall no bhos. Seachd cathan de moran sluaigh, Thuit sud le Oscar nam buadh, ’Sa naoinear mhac bh’ aig Manus ruadh, Seachd fichead agus mile sonn. Thuit uiread eile le Caoilte ’s le Goll, Ach mac Cumhaill ’s a shluagh trom, Mar chaoiribh teine ’s am bi fearg, Nan sradagaibh diana cas. O bhuille gach laoich anns a’ chath, Le Fianntaibh Phail a bha gu h-ait Ag eisdeachd ri’n sgreadail a’ teicheadh, Mar bheithir a’ teachd o theine. Sin dhuitsa a’ bhuaidh a fhuair mo righ ’S bha Oisian ’sa ghniomh bu ghabhaidh; Ged tha mi’n diugh gu h-aosda liath, Bu mhòr a leag mi anns an ar-fhaich, Ach ged a fhuair sinn an lan bhuaidh, Bu mhisde sin riamh an lath’ ud; Chaill sinn corr is leith na Fianntaidh An aobhar Raoine agus Aillde. (Ri leantuinn.) ROB RUADH MAC-GRIOGAIR. Earrann V. LE LACHUINN MAC GILLEAIN. ’Nuair cheangail Rob suas creuchdan Shir Seumas, chaidh e air ais a dh’ amharc na baintighearn’, a bha’n impis dol as a beachd leis an t-slachdraich agus an iomairt a chual’ i. “Gabh ciall ’us misneach a bhaintighearn mhàlda,” arsa Rob; “fhuair Sir Seumas duais a thraoiteireachd, agus cho luath ’sa cheadaicheas sruth agus soirbheas, bithidh tusa aig taobh teallaich t’athar.” Thainig a nis a chamhanaich. Fhuaras am bàta. Stoghadh Sir Seumas agus a ghille ’na toiseach, agus bha Percy ’sa’ bhaintighearn’ na deireadh agus Rob eatorra, ’s ’ailm ’na achlais ’ga snìomh air bhàr nan tonn, ’s mar chaitheadh i de shoirbheas air a sliasaid. ’Nuair bha ’n fhairge ’g éiridh na beannan ’s na gleannan, ghuidh Sir Seumas leud a choise de thìr fhaotainn. Bha eagal bu mhò na eagal a bhàthaidh air; ach gheall Rob gu’n rachadh a bheatha ’chaomhnadh. Chunn’cas a nis, bho bhàrr-mhullach a’ chaisteal, bàta ’san tearlaid, ’s i ’marcachd nan tonn mar bhalgan-beucach. “Ghearradh i coinlean coirce, Roimh ’dù-thoisich, Aig ro-fheabhas a stiùiridh.” Ràinig iad a nis an laimhrig. “Sin agad do nighean, a Thighearna—,” arsa Rob Ruadh, “Shabhail mi ’beatha le m’ bheatha féin a chur an cunnart. Na h-abradh ’ur fine tuille nach ’eil de chridhe aig Rob Ruadh Mac-Griogair na ni math an éirig uilc.” “Fhir a’ chridhe mhòir!” ars’ an ceann-feadhna, “’s tu féin a th’ ann, a Mhic-Griogair! Rinn thusa gniomh mòralach; agus so dhiutsa mo lamhsa, mu’n teid mòran làithean seachad, gum faigh mise dhiutsa maitheanas bho’n Chrùn.” ’Nuair chunnaic an ceann-cinnich Sir Seumas agus Percy, tharruing e ’chlaidheamh gus an spadadh a thiotadh ach chaidh Rob ’san eadraiginn, ag ràdh gu’n d’ fhuair Seumas a shàth de’n chlaidheamh mar bha, agus gu’n do gheall Rob air ’onair gu’n rachadh a bheatha ’chaomhradh, agus airson Phercy dheth, gu’n robh e tur neo-chiontach, agus na chulaidh onair a nighinn a sheasamh. ’Sann mar so a bha. Thilgeadh Sir Seumas ’am priosan car seachduin no dhà, agus an sin leig iad cead a chas dha; agus phòs Percy agus a’ bhaintighearna, a thuit an trom ghaol air a chéile ’nuair bha Percy air choimheadachd an tigh a h-athar maille ri Sir Seumas, mu’n do ruith Sir Seumas leatha. An ceann bheagan làithean fhuair Rob, mar gheall, litir-mhaitheanais. ’Nuair chunnaic e so, thug e suas a ghabhail ann an Earrghàel, agus chaidh e imrich air a sheann eòlas gu Bhalchuidir. Mach ’sa stigh mu ’n bhliadhna 1713, bha e air choimheadachd ann an tigh caraid, agus cò ’thàinig orra ach dithis Fhrangach a thainig a rèiteach an rathaid roimh ’n Phrionnsa. Bho ’n bha Rob daonan air taobh na Stiùbhartach, ghabh e os-làimh an coimheadachd gu Lochaber, a’s a sin do’n Eilean Sgiathanach, agus feadh uaislean an taobh tuath. Cho luath ’sa thainig so gu cluasan na Pàrlamaid, chaidh fios a chur air Rob. Dh’innseadh dha co fear a’ chasaid—Mac-Dhòmhnuill Dhail’neas. Bha ’chùirt ri ’cumail an là’r-an-mhaireach; ach chaidh Rob an oidhche roimhe gu tigh Mhic-Dhòmhnuill, agus chuir e ’leithid de dh’eagal air, ’s gu’n do theich e. Cha robh fianuis a nis an aghaidh Roib—fhuair e mar sgaoil, agus chaidh fear a’ chasaid a bhriseadh. Dh’éirich a nis cogadh Theàrlaich, agus dh’èirich Rob ’sa ghillean. An deigh blàr Monadh an t-Siorram gu sònraichte, rinn Rob agus a dhaoine a leithid de sgath agus de fhoireigne air daoine an Righ anns gach àite an tachradh iad air, ’s gu’n d’thàinig òrdugh ùr a mach na aghaidh féin, agus an aghaidh gach mac-màthar de ’ainm ’s de ’shloinneadh, gun eadar-dhealachadh. Thug so air Rob tàradh as, agus e féin fhalach ann am bothan beag, leth-chòmhdaichte le fraoch ’s le créidhich, aig bun stalla mòire, fad o fhiorair. Latha de na làithean, na shuidhe ri taobh an rathaid, dlùth do’n bhothan so, thainig buidheann shaighdearan air, le oifigeach air an ceann. “Maduinn mhath dhuibh!” ars’ an t-oifigeach “Mar sin duibhse, le’r cead,” arsa Rob; “’s math moch a tha sibh a’ gabhail an rathaid.” “’Seadh,” ars’ an t-oifigeach: “bha sinn fad na h-oidhche ’méarsadh air feadh na dù’cha coirbte so, gus am bheil sinn co sgìth ’sa ghabhas sinn.” “Tha’n dùthaich da rìreadh càileigin doirbh airson uaislean a bhi ’ga siubhal feadh na h-oidhche,” arsa Rob; “’s èigihn gu bheil ùr gnothach cabhagach?” “An urrainn thusa innse dhòmhsa c’àit’ am faighear robair agus reubal iomraiteach, Rob Ruadh Mac-Griogair, no Caimbeul? Bheirinn leth-cheud guini airson greim fhaotainn air,” ars’ an t-oifigeach. “’S math is aithne dhomh an duine, cha’n ’eil e fad’ o làimh; ach cha tugainn a’ chomhairle oirbh dol ni’s dlùith d’a thigh, oir tha ’ghillean, a theagamh, nan sìneadh ’san fhraoch mu thimchioll a thighe; agus is duine marbh gach mac-màthar agaibh mu’n faic sibh cò ’rinn e. Cha’n eil dòigh air a ghlacadh ach le seòltachd; agus airson na duais a thairg sibh, gabhaidh mis’ orm fèin a thoirt duibh air làmh ’an ùine gun bhi fada, gun urchair e chur a gunna.” “Ciod, matà, an seòl a ghabhar air?” ars’ an t-oifigeach. “Cha’n ’eil ach aon seòl ann,” arsa Rob. “Thug sibh fainear tigh-leanna beag ri taobh an rathaid, mar thainig sibh? Falbhadh sibhse do’n tigh-leanna, agus theid mise agus bréugaidh mi leam leis fèin e, oir ’s toigh leis sgalc.” Bu bhinn an fhuaim an cluasan nan saighdearan facal a’ chomannd ag iarraidh orra tionndadh air an sàil, agus dol cho fad ’s an tigh-leanna! Dh’fhalbh Rob gu ’thigh beag fèin. Chuir e air a bhiodag. Dh’iarr e air a ghillean rabhadh a thoirt do’n dùthaich, mu’n astar so mu ’n cuairt, iad a thighinn a thiotadh, agus fuireach mar astar beag do ’n tigh-òsda fo ’n armaibh. Thug e fèin a nis an tigh-òsd’ air, mar gheall e. Dh’innis e do’n oifigeach gum fac e Rob Ruadh, agus gu’n do gheall e ’bhi leò ’thiotadh; ach gum feumadh e na saighdearan agus na gunnachan fhalach; oir mar falaicheadh, nach rachadh a’ chuis leò. Dh’aontaich an t-oifigeach. Chaidh na gunnachan a chuir ann am preas, agus chuireadh na saighdearan do’n t-sabhall. Chùm Rob an t-oifigeach a’ seanachas a chum ùine ’thoirt d’a ghillean cruinneachadh, gus mu dheireadh an robh an Sasunnach a’ gabhail fadail. “Thoir dhomh mo dhuais,” arsa Rob, “agus cumaidh mi mo ghealladh, na biodh cùram ort,” “Cha’n fhaoid mi sin a dheanamh gus an coi’lion thu do ghealladh,” ars’ an t-oifigeach. “Bi’dh e’n sin tuilleadh a’s anmoch,” arsa Rob; “oir chi Rob gu’n deach’ a bhrath, agus crochaidh a chàirdean mise, agus cha’n urrainn mi mo cheann a thogail gu bràth ’san dùthaich. Mar coi’lion mi mo ghealladh, nach furasd’ an ni dhuibhse, agus do’r deich-fir-fhichead, an t-òr a thoirt uam.” “Cha robh so mi-reusanta leis an oifigeach. Chunnt e sios leth-cheud bonn òir air a’ bhòrd. Chuir Rob a chròg mu’n timchioll, agus chuir e na sporan iad, a’ toirt mòran taing dha. “Nis,” ars’ esan, ’s e ’toirt a làimh dha, “tha Rob Ruadh Mac-Griogair agad air làimh, mar gheall mise; cùm e, ma tha e a’d’ chomas;” a’s leis a so, ’mach a ghabh e, ’s thug e ’m bruthach air, far an robh a ghillean fo’n armaibh! Faodaidh sinn a smaoineachadh nach robh an t-oifigeach gun doin, ach chunnaic e nach robh stàth dol ni b’ fhaide. [TD 291] [Vol. 7. No. 37. p. 3] Bha Mac-Nèil Bharra na fhear-claidheamh ainmeil, agus co fearail neo-sgàthach ri duine ’rugadh. Chual e iomradh air Rob, agus chuir e roimhe ’fheuchainn. Chaidh e dh’aon ghnothuch gu Buchanan, far an cual e’n robh Rob, ’Nuair ràinig e, dh’innseadh dha gu’n robh Rob aig faighir ’na leithid so de dh’aite. ’Mach a ghabh Barra air a thòir. Cha b’fhad a chaidh e ’nuair chionnich buidheann mharcaichean e. Dh’fharraid e dhiùbh am b’fhiosrach iad an robh Rob Ruadh Mac-Griogair aig a’ mhargadh. “Tha e’n so,” arsa Rob, ’s e ’freagairt; “ciod e do ghnothach ris?” “A Mhic-Griogair!” arsa Fear Bharra, “cha’n fhaca mi riamh roimhe thu, ach chuala mi gu leòir mu d’ thimchioll. ’S mise Mac-Nèil Bharra, agus thainig mi ’dhearbhadh gur mi fear-claidheamh is feàrr na thu.” Sheas companaich Roib far an robh iad, agus, ’nuair chual’ iad gnothach a’ choigrich, rinn cuid dhiubh glag mòr gàire! “A Thighearna Bharra,” arsa Rob, “cha’n ’eil mise ’cur teagamh n’ur focal; ach cha’n ’eil a’ mhiann orm a dhearbhadh, oir cha do tharruing mi mo chlaidheamh riamh gus a so gun aobhar.” “Tha eagal ort; cha’n ’eil annad ach gealtair,” arsa Barra: “’sann an cainnt a tha do threunas.” “Thig bharr muin t’eich, matà, agus gheibh thu tuilleadh ’us cainnt,” arsa Rob. Thug Rob srian ’eich do làmh aoin de ’chompanaich; thug Mac-Nèil srian ’eich d’a ghille. Tharruing Rob a chlaidheamh—tharruing Mac-Néil a chlaidheamh, ’s thòisich an t-slachdraich; ach ma thòisich, cha b’fhada gus an robh aobhar aithreachais aig Mac-Nèil, oir cha mhòr nach do sgar Rob a ghairdean deas bho’n ghualainn. Ghabh e ’leaba ann an Cillearn, agus bha e ràidhe na bliadhna mu’m b’urrainnear a ghluasad! Bha Rob Ruadh a nis air fàs lag agus aosda. Chunnaic e gu’n robh a chrìoch dlùth, agus ghabh e ’leaba. ’Nuair bha e gu tinn, thainig duin’-uasal ’ga amharc, aig an robh consbaid ris roimhe so. Rinn e guth aig an dorus, agus thubhairt e gum bu mhath leis Rob fhaicinn. Leigeadh fios gu Rob. “Togaibh suas mi,” arsa Rob ri ’ghillean. “Cuiribh orm an deise ’s feàrr a th’agam. Faighaibh mo chlaidheamh-mòr ’s mo bhiodag, agus togaibh do’n chathair-mhòir mi. Cha’n fhaic am balach gu brath Rob Ruadh air leaba ’bhàis.” Rinn iad mar dh’iarr e. Dh’fhàiltich e ’sheann charaid. Labhair iad car tacain, agus ghabh iad cead de ’chèile. ‘Nuair dh’fhalbh e. thubhairt Rob, “Tha’n tìm air tighinn. Togaibh do’n leabaidh a rìs mi. Cuiribh a stigh am pìobaire; agus am feadh ’sa bhios an anail annam, cluicheadh e “Cha till mi tuille.” Rinn iad gu dìleas mar dh’iarr e; agus an ceann ùine gun bhi fada, thilg e’n deò. Thachair so anns a’ bhliadhna 1735, aig Inbhir-loch-larig-beag, ann am bruthaichean Balchuidir, far am faicear a leac gus an là ’n diugh’ agus dealbh claidheamh oirre. (A chrioch.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XXIV. B’ e Alcous a b’ ainm do m’ cheathramh brathair. Bha e cam, agus thig orm innseadh mar a chaill e te dhe ’shuilean. Is e feoladair a bh’ ann. Bha doigh shonraichte aige air ionnsachadh do na reitheachan mar a dheanadh iad sabaid. Thug so comas dha air eolas a chur air ard mhaithean na duthchadh, oir bu toigh leotha spors, agus bha reitheachan aca air son a bhith sabaid. Bha e mar an ceudna ’reic moran feola, agus o ’n a bha saoibhreas gu leor aige, bhiodh am pailteas dhe ’n fheoil a b’ fhearr anns a’ bhuthaidh aig a h-uile am. Air lath’ araidh, an uair a bha e anns a’ bhuthaidh, thainig seann duine, air an robh feusag fada gheal, do ’d bhuthaidh, agus cheannaich e sia puinnd de dh’ fheoil, agus phaigh e iad. An uair a chunnaic mo bhrathair cho briagha ’s cho geal ’s cho ur ’s a bha ’n t-airgiod a thug an seann duine dha, chuir e ann an aite air leith e. A h-uile latha fad choig miosan thainig an seann duine ceudna do n bhuthaidh, agus cheannaich e sia puinnd fheola, agus phaigh e iad leis a’ cheart sheors’ airgid. Agus bha mo bhrathair a’ cur an airgid anns an aon aite-gleidhidh. An ceann choig miosan, bha Alcous a’ dol a cheannach baidean chaorach leis an airgiod a thug an seann duine dha. An uair a dh’ fhosgail e a’ chiste anns an robh e ’gleidheadh an airgid, ghabh e ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic e, gur e duilleagan chraobh a bh’ aige ann an aite an airgid. Chuir an gnothach a bh’ ann a leithid de dhragh air ’s gu’n do thoisich e air e fhein a bhualadh anns a’ cheann, agus air glaodhaich cho ard ’s gu’n d’ thainig na coimhearsnaich a dh’ fheorach ciod a bha ’cur dragh’ air. An uair a dh’ innis e dhaibh mar a thugadh an car as bha ’cheart uireed a dh’ ioghnadh orra ’s a bh’ air fhein. Oh! b’ fhearr leam gu’n tigeadh am mealltair ud le’ aghaidh fhada chealgaich ’nam rathad!” arsa mo bhrathair ’s e ’glaodhaich ’s a sileadh nan deur. Mu’n gann a leig e am facal as a bheul, chunnaic e an seann duine ’tighinn an rathad a bha e. Ghlaodh e aird a chlaiginn, ag radh, “A dhaoine matha! thugaibh dhomh cuideachadh! cluinnibh mar a thug an t-seana bheist so an car asam.” Chruinnich sluagh mor timchioll air, agus dh’ innis e dhaibh mar a rinn an seann duine air. An uair a chuir e crioch air na bh’ aige ri radh, thuirt an seann duine ’s e ’labhairt gu socrach, “Is fhearr dhut gu mor mise ’leigeadh as, agus gun a bhith ’toirt maslaidh dhomh an lathair na bheil an so de shluagh. Mur leig thu as mi, bheir thu orm, an aghaidh mo thoile, do naire thoirt asad an lathair an t-sluaigh.” “Cia mar a ni thu sin?” arsa mo bhrathair. “Ciod a th’ agad ri radh ’nam aghaidh? Is duine mi a tha ’deanamh mo gnothaich gu h-onorach, agus cha ’n ’eil eagal orm romhad-sa, no roimh neach sam bith eile.” “Ma tha thu toirt ormsa bruidhinn, innsidh mi thu fhein dhut,” ars’ an seann duine. Thionndaidh e ris an t-sluagh, agus thuirt e, “Biodh fhios agaibh, a dhaoine coire, gu’m bheil an duine suarach so a’ reic feoil dhaoine ribh an aite feoil chaorach.” “Tha thusa ’g innseadh nam breug,” arsa mo bhrathair. “Is mi nach ’eil,” ars an seann duine. “A dhaoine coire, an drasta fhein tha duine, agus a sgornan air a ghearradh, an crochadh aige anns a’ bhuthaidh mar gu’m biodh caora. Ma theid a h-aon dhibh thun na buthadh chi sibh gu’m bheil mise ’g innseadh na firinn.” Anns a’ mhadainn ud fhein mharbh mo bhrathair caora, agus chroch e anns a’ bhuthaidh i mar bu ghnath leis. Bha e sior radh gur e na breugan a bha ’n seann duine ag innseadh. Ach a dh’ aindeoin na theireadh mo bhrathair gus e fhein a shaoradh, bha ’n sluagh a’ creidsinn gu’n robh an seann duine ag innseadh na firinn, agus dh’ fhalbh iad ’nan ruith thun na buthadh, an uair a thug iad air mo bhrathair an seann duine leigeadh as. An uair a rainig iad, chunnaic iad duine an crochadh agus a sgornan gearrte mar a thuirt an seann duine riutha. Is e draoidh a bh’ anns an t-seann duine, agus chuir e sgleo air suilean an t-sluagh gu leir, mar a chuir e air suilean mo bhrathair, an uair a thug e air duilleagan chraobh a ghabhail an aite airgid. Thug an sealladh a chunnaic an sluagh anns a’ bhuthaidh orra toiseachadh ri bualadh mo bhrathair leis na duirn. “A shlaoightire mhollaichte!” ars’ iadsan, “am bheil thu ’toirt oirnn feoil dhaoine itheadh an aite feoil chaorach?” Aig a’ cheart am thug an seann duine buille dha a chuir an t-suil as. Agus bha gach aon a gheibheadh an cothrom air ’g a bhualadh. Cha ’n fhoghnadh so leotha, ach thug iad air beulaobh a’ bhreitheamh e. Agus gus a dhearbhadh gu’n robh e ciontach, thug iad an lathair a’ bhreithimh an corp mar an ceudna. “A mhaighstir,” ars’ an draoidh ris a’ bhreitheamh, “thug sinn ’n ’ur lathair duine a tha cho bruideil ’s gu’m bheil e marbhadh dhaoine, agus a’ reic na feoladh aca an aite feoil chaorach. Tha dochas aig an t-sluagh gun dean sibh peanas air a reir mar a thoill e.” Dh’ eisd am breitheamh gu foighidneach ris na dh’ innis mo bhrathair dha; ach cha d’ thug e geill no creideas sam bith dha an uair a dh’ innis e gur e duilleagan chraobh a thug an seann duine dha an aite airgid. Thuirt e ri m’ bhrathair nach robh ann ach am mealltair, agus dh’ ordaich e coig ceud buille a thoirt dha le slait. ’Na dheigh sid, thug e air mo bhrathair innseadh c’ait an robh an t-airgiod an gleidheadh aige. Chum e an t-airgiod aige fhein, agus an deigh dha ordachadh mo bhrathair a bhith tri latha ’marcachd air camhal feadh a’ bhaile gus e bhith ’na chuis-mhaslaidh aig an t-sluagh, thug e ordugh dha falbh as a’ bhaile, agus gun tilleadh ann gu brath tuilleadh. Cha robh mise ann am Bagdad idir an uair a thachair an gnothach muladach so do m’ bhrathair. Chaidh e do dh’ aite fad as, far an robh e ’g a fhalach fhein gus an do leighis na lotan a thugadh air leis na buillean a fhuair e. An uair a dh’ fhas e gu math na b’ fhearr, chaidh e air an oidhche do bhaile araidh far nach robh duine a dh’ aithnicheadh e. Bha e greis a’ fuireach anns a’ bhaile ud’ agus b’ ainneamh leis a dhol am mach air an dorus. An uair a bha e ’fas sgith a staigh, chaidh e air lath, araidh air chuairt am mach gu iomall a’ bhaile. Chual’ e farum mharcaichean a’ tighinn ’na dheigh. Thachair gu’n robh e aig an am dluth air geata taighe mhoir; agus, an deigh na thachair dha, bha eagal air gur ann air a thoir fhein a bha na marcaichean. Gus e fhein fhalach dh’ fhosgail e an geata, agus chaidh e steach. An uair a dhuin e an geata, ghabh e steach do chuirt mhoir fharsuinn. Ann an tiotadh thainig dithis sheirbhiseach agus rug iad air, agus thuirt iad, “Moladh do Dhia gu’n d’ thainig tu le do thoil fhein gus thu fhein a thoirt thairis dhuinn! Chuir thu ’leithid a dh’ eagal oirnn o chionn tri oidhche ’s nach b’ urrainn duinn norradh cadail a dheanamh. Agus bheireadh tu air falbh ar beatha nan do leig sinn leat.” Tha e furasda ’thuigsinn gu’n do ghabh mo bhrathair ioghnadh anabarrach mor an uair a chual’ e na briathran so. “A dhaoine coire,” ars’ esan, “cha ’n ’eil mi tuigsinn ciod a tha sibh a’ ciallachadh; feumaidh gu’m bheil sibh ’g am ghabhail an riochd duine eiginn eile.” “Cha ’n ’eil, cha ’n ’eil,” ars’ iadsan; “tha fhios againn gur robairean thu fhein ’s do chompanaich. Cha ’n fhoghnadh leibh a chuid dhe’n t-saoghal a thoirt o ar maighstir, agus diol-deirce dheanamh dheth, ach b’ aill leibh a bheatha ’thoirt air falbh mar an ceudna. Stad gus am feuch sinn am bheil an sgian agad a bha agad ’nad laimh an raoir an uair a bha thu air ar toir gus ar marbhadh.” An uair a thuirt iad so rannsaich iad e, agus fhuair iad sgian aige. “Ho! ho!” ars’ iadsan ’s iad a’ breith air, “an dana leat a radh nach e robair a th’ annad?” “Nach fhaod sgian a bhith aig duine ged nach biodh e ’na robair?” (Air a leantuinn air taobh 294.) [TD 292] [Vol. 7. No. 37. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., APRIL 14, 1899. NA CEILTICH. B’e Tacitus aon de na h-eachdairean a’s fhearr agus a’s pongaile ’bha [?] am measg nan Romanach. [?] e gu gleusda, mionaideach, [?]ach, firinneach, mu dheibhinn [?]dh neach ’us ni. Bha comas sonraichte aige airson eolas agus a beachdan a chur ann am briathran dealbhach, soilleir, snasmhor. Bha e posda ri nighinn Agricola, ceannard Romanach, a bha cliuiteach agus gaisgeil, agus air an robh meas ro-mhor. Is e Agricola ’chuir an cath gu cruaidh, buadhach an aghaidh Ghalgacius, an ceannard Gaidhealach, ann an Siorramachd Pheairt. Rinn Tacitus luadh air an t-slighe ’ghabh athair-ceile anns a’ Ghaidhealtachd, agus air na h-euchdan a chur e an gniomh. Tha ’n oraid a liubhair Galgacus airson na Gaidheil a bhrosnachadh ’s a mhisneachadh an trath a bha feachd na Roimhe dluth doibh, araon durachdach agus tiamhaidh agus fearail. Bu nos do na h-eachdairean Romanach agus Greugach oraidean a rinn iad fein a sgriobhadh, am feadh a bha iad a’ cumail a mach gu do liubhair na laoich air am bheil iad a’ deanamh iomraidh, na h-oraidean ceudna. Ged tha ’n oraid a liubhair Galgacus, mar tha Tacitus ag innseadh dhuinn, ur-labhrach, snasmhor agus druighteach, ma dh’ fhaoidte gur ann as a cheann fein a thug an Romanach ionnsuichte i. Is ro-mhaith a fhuaradh Tacitus ann an oraid a dhealbh a tha lan de na smuaintean a’s airde, ’s de na mhisneach a’s fearr, a chum cridheachan nan Gaidheal a dheanamh treun, aghartach agus neo-sgathach. Is ann faisg air na cnoic Ghrampianach a chaidh am blar a ghleachd eadar Agricola agus Galgacus. Thug an ceannard Romanach buaidh thar nan Gaidheal, agus theich iad agus ghabh iad fasgadh ann an coilltean agus ann an ionadan creagach agus corrach an duthcha. Mo thruaighe! tha briathran an eachdaire tuille ’s fior, an uair a tha e ’g radh nach robh ni air bith a rinn uiread maith ’us comhnaidh do na Romanaich na so: nach ’eil abhaist aig na Gaidheil a bhi ’gabhail comhairle le ’cheile no ’bhi de ’n bheachd cheudna, mu ’n doigh anns am bu choir a’ namhaid a choinneachadh agus a shaighdearan a chiosnachadh. Cha ’n e Clann Illeathain a mhain, a bha ’s a tha proiseil agus ardanach am measg nan Gaidheal. Tha e air innseadh dhuinn gu robh connsachadh eadar aon de Chlann Illeathain agus neach eile mu dhile Noaih. Dileas do ’n bheachd ard a bha aige air treoir ’us maisealachd a dhaoine fein, thubhairt Mac Illeathain, nach deachaidh a’ chlann aige-san riamh a stigh do ’n airc, oir bha bata aca doibh fein. Tha cairdean Thearlaich Stiubhairt a’ creidsinn gus an latha ’n diugh, gu do chaill am Prionnsa bochd blar Chul-fhodair, do bhrigh gu d’ rinn na Donullaich gearan teth nach d’ fhuair iad an t-aite anns an fheachd no ann an ordugh a’ bhlair a bhuineadh gu dligheach, agus a reir gach ceartais, doibh. On bha iad lan feirg air an aobhar so, ’s on nach d’ rinn iad ach cogadh truagh ’us fann, ma rinn iad cogadh idir, fhuair na Sasunnaich buaidh fhuileachdach air na Gaidheil, ged bha iad daonnan smiorail, gaisgeil, eudmhor as leth Thearlaich, ’us ged choisinn iad iomadh blar ’us euchd air a shon. Is e fior-fhocal Gaidhlig a tha ann an Galgacus. Tha ’n t-ainm so co Gaidhealach ris na creagan, no ris an fhraoch a bhuineas do chnoic ’us aonaichean Albainn. Ciod e ’tha ann an Galgacus, ach Gaidheal gagach—Gaidheal aig nach robh comas air labhairt gu ciuin, reidh, furasda, daonnan. Bha Agricola glic; oir cha do lean e na Gaidheil air an d’ fhuair e buaidh, a dh’ ionnsuidh nan cos ’us nan creag ’us nam fardach diomhair eile anns an d’ fholuich iad iad fein car tamull, no gus am faigheadh iad cothrom maith eile air dioghaltas fhaotainn bho na Romanaich. Is ann le gairdeachas ’us toileachas nach ’eil idir lag no faoin, is abhaist do na Gaidheil aig am bheil eolas air gniomharan treubhach an sinnsirean anns na linntean a tha ’nis aosmhor, a bhi ’smuainteachadh agus ag innseadh, nach robh comas aig na Romanaich air na Gaidheil a chiosnachadh agus a thabhairt fo chuing ’us ughdarras na Roimhe. Dh’ fhaodadh ceannardan ’us saighdearan sgiobalta ’us treun na Roimhe fineachan ’us tirean eile ’chur fo chumhachd ’us fo riaghladh nan Romanach. Cha do chinn leotha riamh anns gach oidheirp fhuathasach a rinn iad, air suaicheantas na Roimhe ’sgaoileadh thar aonaichean ’us comhnardan na Gaidhealtachd. Chuir na Gaidheil g’ an dubhlan ceannardan ainmeil agus saighdearan lionmhor na Roimhe. Tha mi fein de ’n bharail gu bheil am focal Grampian a’ ciallachadh garbh bheinn, no gorm bheinn; no cnoic gharbh no ghorm. Tha iomadh ceist mu na Ceiltich ag eiridh suas agus ag iarraidh an diugh freagairt no fuasglaidh. Ciamar a thainig luchd-aiteachaidh air tus do Bhreatuinn agus Eirinn? Ciod e ’n rathad no ’n cursa ’ghabh no a lean sruth no sruthan nam fineachan a thainig an toiseach do na tirean so bho mhor-roinn na h-Eorpa; agus am bheil e comasach a cheist so ’fhuasgladh gu ceart, an do thoisich an t-eadar-dhealachadh a tha ’gleidheadh nan Cuimrich ’us nan Gaidheil bho ’cheile, an deigh do na Ceiltich tuineachadh a dheanamh anns na h-Eileanan Breatunnach? Tha sgoilearan ealanta ’creidsinn gur ann am Breatunn fein a thoisich an t-eadar-dhealachadh air an d’ rinn mi cheana iomradh; agus gur eiginn gu tainig da shruth bho ’n Roinn-Eorpa de dhaoine no de Cheiltich a bha dealaichte bho ’cheile. Faodar moran a radh as leth na baraile, gu tainig na Gaidheil bho Chalais gu Dobhair, ann an Sasunn, air tus. Mar thubhairt mi ann an litir eile, tha e ann an tomhas cinnteach gu do roghnuich na Gaidheil an caol a bu dluithe airson tighinn do Bhreatunn. Agus an uair a bha iad air tir-mor Bhreatuinn, dh’ imicheadh iad gus an airde ’n iar ’us tuath, mar gheibheadh iad eolas air an duthaich agus air gach ionaltradh ’us saoibhreas a bha innte. Nochdaidh mi anns an ath litir a sgriobhas mi, gu bheil aimhnichean ’us cnoic ’us comhnardan ann an Sasunn, a tha gus an am so ’giulan ainmean Gaidhlig; agus a tha ’dearbhadh gu do thuinich, anns na h-aoisean liatha ann an eachdraidh Bhreatunn, Gaidheil car uine fhada ann an Sasunn, agus gu deachaidh iad air an aghaidh gus an d’ ruig iad Albainn, agus gu deachaidh iad bho Albainn gus an Eilean Eirionnach. CONA. UILLEAM HAMILTON. Rugadh an bàrd snasail seo anns a’ bhliadhna 1704. Fhuair e sgoil math agus thoisich e glé òg air bardachd a dheanamh. ’Se an dara mhac do Séumas Hamilton o Bhangous ann an siorrachd Gleanniuich a bh’ann. Ghabh e taobh nan Stiubhartaich nuair a thàinig Prionnsa Tearlach do’n duthaich ’sa ’bhliadhna 1745, agus an déigh buaidh a’ phrionnsa aig Sliabh-a’-chlamhain, rinn e an t-oran ainmeil sin “Gladsmiur.” An dèigh blar Chuilfhodair, a chur crioch air dòchas nan Stiubhartaich, theich e do’n Ghaidhealtach far an d’fhulaing e iomadh cruaidh-chas agus cunnart, agus mu dheireadh fhuair e air falbh do’n Fhraing, ach an déigh uine ghoirid fhuair a chàirdean maitheanas bho’n Pharlamaid air a shon, agus thill e gu Albainn. ’Nuair a shiubhail a bhràthair ’sa ’bhliadhna 1750, thainig Uilleam a staigh do òighreachd Bhangour mar uachdaran, ach bho nach robh slàinte mhath aige, bha feum aige dol gu duthaich ni’s blàithe. Mar seo chaidh e gu Lyons, san Fràing, far an do shiubhail e leis a’ chaitheamh, 25mh, dhe’n mhios Màrt, 1754. Chaidh leabhar dhe’n bhardachd aige a chur an clòdh ’an Glaschu ’sa bhliadhna 1748, gun a chead no ’ainm, ach chuir a chàirdean a mach a’ cheud leabhar cheart dhiubh an Duneideann ’sa bhliadhna 1760. Ged nach do sgriobh e riamh ach an t-aon òran sin “Braes of Yarrow,” bhiodh sin fhéin gu leòir airson ’ainm a dheanamh neo-bhasmhor. SEUMAS HOGG, CIOBAIR ETTRIG. Bha’n duine seo aon dhe na baird fhein-teagasg a’s ainmeile a bha an Albainn. Rugadh e an taigh bheag air bruaichean na h-aimhne Ettrig an siorrachd Selkirk air a cheart la dhe ’n mhios ri Burns ’sa bhliadhna 1772. Cha d’ fhuair e ach gle bheag de ionnsachadh ann an sgoil, bho nach robh e ann riamh ach mu leth-bhliadhna uile gu leir. Chaidh e ris a bhuachailleachd nuair nach robh e ach seachd bliadhna a dh’ aois, agus rinn e a cheud bhardachd ’sa bhliadhna 1796. Chuir e mach leabhar beag do bhardachd 1801, agus fear eile ’sa bhliadhna 1807. Sgriobh e moran leabhraichean agus criomain eile do na paipearan a bha tighinn a mach r’a linn, agus dh’ fheuch e da no tri uairean toiseachadh a dheanamh air an tuathanachas, ged nach do shoirbhich leis, agus an am mu dheireadh chaill e mu £2,000 ’san oidhirp. Phos e anns a bhliadhna 1820, agus dh’eug e aig Loch Altribh ’sa bhliadhna 1835. Anns a’ bhliadhna anns an do shiubhail e fhuair e £100 duais bho Phriomhair Bhreatuinn, a bha iad an duil a thoirt dha a h-uile bliadhna airson an fheum a rinn e do Litreachas na duthcha. Ged nach robh e fhein beo airson seo fhaotainn, fhuair a bhean £50 ’sa bhliadhna bho 1854 fhad ’sa bha i beo. Tha tuilleadh dhe na Doukhobors a tighinn do Chanada; tha mu choig ceud deug dhiubh a tighinn air an turus so, agus tha dùil riutha an ceann beagan laithaichean. A reir gach sgèoil tha iad nan sluagh a tha gle fhreagarrach air son na dùthcha dh’am bheil iad a tighinn. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. [TD 293] [Vol. 7. No. 37. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha Eachunn Mac Aonghais, á Halifacs, anns a bhaile air an t-seachdain so. Bha Mr. Mac Aonghais àireamh bhliadhnaichean ’na fear-teagaisg ann an Ard-sgoil Shidni. Tha e ’n diugh air aon de na fir-lagha a’s fhearr ainm ann a Halifacs. Tha Baddeck, na Narrows Bheaga, Hogamah agus Orangedale a nise air an ceangal ri cheile le telephone, ni a tha na dheisealachadh mor dhaibh. Chaidh an obair a thòiseachadh toiseach a gheamhraidh, agus chuireadh crioch oirre o chionn uine ghoirid air ais. Tha an t-earrach gu math slaodach, ’s an t-side a fuireach fuar. Bha am mios Màrt briagha gu leòr, ach tha Aprail cho fada so na’s fhuaire na bu choir dha bhith. Tha deigh air na h-acarsaidean ’s air na lochan fhathast, ach tha i fàs crion, agus cha’n urrainn i mairsinn moran na’s fhaide, Thug duine ann a Hogamah ionnsuidh air crioch a chur air fhein o chionn da sheachdain air ais. Dh’ fheuch e ri sgòrnan a ghearradh le seann speal. Bha an duine as a rian, agus an deigh do’n dotair na gearraidhean a rinn e fhuaigheal, chaidh a thoirt air falbh do’n tigh-chaothaich am Mabou. Tha e ro choltach nach bi dith roidean-iaruinn air Ceap Breatunn an ùine gun bhi fada. Thatar ag radh gu bheil an rathad eadar Caolas Chanso us Broad Cove ri bhi air a chur air adhart gun teagamh sam bith, agus tha mar an ceudna, bruidhinn air rathad-iaruinn a thogail eadar Caolas Chanso agus Louisburg. Ma thòisichear air an da rathad sin, agus gu’n teid na h-obraichean iaruinn air adhart ann an Sidni, bidh timeannan gle mhath air an eilean so ’san àm a tha tighinn. Am measg an luchd-turuis a bha air bòrd na luinge-smùide “Labrador” ’nuair a chaidh a bristeadh faisg air eileanan na Gàidhealtachd, bha sianar cheannaichean a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa. Fhuair iad as gu tearuinte, agus thill iad do’n Eilean toiseach na seachdain s’a chaidh, agus rinneadh failte mhor a chur orra ann am Baile-Shearlot. Bha band agus miltean sluaigh ’gam feitheamh, bha cluig a bhaile air am bualadh, agus bha gunnaichean mora air an losgadh. Cha robh uiread gàirdeachais anns a bhaile riamh roimhe. Thatar ag iomradh gu bheilear a dol a thoirt oidhearp air Raointean Abrahaim, air cul Chuebec, a chumail o bhi air a chreic. Bhatar a dol ’ga roinn air son taighean a thogail air, ach tha daoine a feuchainn ri stad a chur air sin. ’Sann an so a chaidh am blàr a chur ann an 1759 a thug Canada fo chrùn Bhreatuinn. Mharbhadh moran air gach taobh, na ceannardan, Wolf agus Montcalm am measg chàch, agus an sin tha iad an tiodhlacadh. Cha bhiodh e ceart do Chanada an t-àite a leigeil a mach idir; bu chòir a chumail mar a tha e mar chuimhneachan air na daoine treuna a leig sios am beatha air son an dùthcha. Chaidh coig mile dolair a thairgsinn do’n chuideachd a tha ruith na factoridh bhròg ann an Sidni Tuath, nan rachadh iad air imrich do Phictou. Chaidh bill a thoirt air beulaobh pàrlamaid Nobha Scotia air son cead a thoirt do bhaile Phictou an t-suim sin a thoirt daibh, ach cha chuireadh an council aonta ris, agus chaidh am bill a thilgeadh a mach. Bha an factoridh ri bhi air a toirt do Phictou an uine ghoirid, ach cha’n eil fhios a nise nach atharraich muinntir na cuideachd am beachd, agus nach fhàg iad an obair far am bheil i. Bu math do Shidni Tuath gu’m fàgadh, oir tha moran airgeid ’ga phàigheadh a mach mar thuarasdail do’n luchd-obrach a h-uile mios. Chaidh seann duine d’am b’ ainm Beniamin Early, a bhàthadh ann an Kempt, an siorrachd Kings, toiseach na seachdain s’a chaidh. Chaidh e mach a dh’ iasgach trath ’sa mhaduinn, agus thuit e ann an toll a bh’ air an deigh. Bha e ceithir fichead bliadhna dh’aois. Chaochail fear Philip Dore a mhuinntir Arichat ann an Scesia, California, o chionn ghoirid. Bha e gu math beairteach, agus ’na thiomnadh dh’ fhàg e ceud mile dolair gu bhi air a roinn air a chàirdean an Arichat, agus ma bhios còrr ann, tha e ri bhi air a roinn air na’ dh’ fhàg e de luchd-dàimh na California. Chaidh fear Deòrsa Bain a bha ’g obair air inneal-iaruinn ann a Westville, N. S., a mharbhadh air an t-seachdain s’a chaidh. Thuit e fo’n charbad agus bha chasan air am prannadh cho dona ’s gu ’m b’ fheudar an gearradh dheth; cha robh e beò an deigh sin ach tri uairean. Bha e deich bliadhna fichead a dh’ aois, agus dh’ fhàg e bantrach us triùir chloinne. Thachair da bhàs muladach ann an Westchester, an siorrachd Chumberland deireadh a mhios Màrt. Bha dithis dhaoin’ òga de’n ainm Stevens ag obair anns a choille ’nuair a dh’ fhàs iad tinn leis a ghrip. Chaidh an toirt dhachaidh, agus an ùine ghoirid chaochail an dithis, fear dhiubh, aois sheachd bliadhn’ deug, air Di-ciaduin, agus am fear eile, fichead bliadhna dh’aois, Di-haoine. Chosgadh còrr us muillein gu leth dolair an uiridh a cumail suas armailt Chanada, ged is saor-dhionadairean iad gu ire bhig uile, nach eil ri cleasachd-airm ach mu dha sheachdain dhe’n bhliadhna. A bharrachd air sin chaidh còrr us ochd ceud gu leth mile a chosg ris a mounted police anns an roinnean Iar-thuathach. Eadar an da chuid, tha e cosg do’n dùthaich dlùth air leth-dolair mu choinneamh gach duine bean us pàisde tha ’n Canada. Ach, gun teagamh, tha sin saor gu leòr; cha bhiodh e ceart no iomchuidh a chosguis a lughdachadh na’n deanadh sin an dùthaich a lagachadh an àm cogaidh. Tha sgireachd sgoile ann an cearna de Chuebec aig an robh maighstir-sgoile d’ an robhas a pàigheadh naodh dolair ’sa mhios, agus aig ceann na bliadhna, b’ fheudar dha an sumanadh air son sia dolair gu leth dhe thuarasdal a bha gun phàigheadh. Bha cùnntas aig riaghladairean na sgireachd ’na aghaidh, agus a reir a chunntais sin, cha robh a tigh’n air ach sia sentichean. Ach choisinn na sia sentichean sin fhéin an càs dha, agus b’ fheudar do’n sgireachd am pàigheadh agus da fhichead dolair de chosguis air an cùl. ’S daor a cheannaicheas daoine gliocas ’nuair a ghabhas iad nan cinn a bhi amaideach. O chionn bliadhna gu leith air ais, chaidh àireamh mhiltean de shluagh ris an canar Galicians, a thoirt a nall do Chanada ’sa shuidheachadh air fearainn anns an Iar Thuath. Cha’n eil iad a tionndadh a mach cho math ’sa bhatar an dùil. O chionn ghoirid chaidh dithis dhiubh a chrochadh air son mort. Agus tha e coltach gur sluagh borb, aineolach iad air gach doigh; an la roimhe bha fear dhiubh ann a Winnipeg air son coimhearsnaich dha a chur ’san lagh. Reic a choimhearsnach a bhean ris, agus an deigh dhasan pàigheadh air a son chaidh e g’a h-iarraidh, ach cha’n fhalbhadh i leis dh’a deòin, agus thuirt a fear rithe nach leigeadh i leas falbh dha h-aindeoin. Chuir so fearg air an fhear a cheannaich i, agus tha e air son am fear eile a chur an sàs air son an car a thoirt as. Tha e coltach nach eil anns na Galicians ach pòr bochd, agus gu’m biodh an dùthaich na b’ fhearr as an aonais. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. AN T-AITE ANNS AN CEANNAICH THU Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min etc., etc. AN STOR AIG Isaac Greenwell, SIDNI, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 294] [Vol. 7. No. 37. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 291.) arsa mo bhrathair. “Ma dh’ eisdeas sibh ri mo naigheachd,” ars’ esan, “an aite droch bharail a bhith agaibh orm, is ann a chuireas am mi-fhortan a thainig orm truas oirbh.” Ach an aite eisdeachd a thoirt dha is ann a thoisich iad ri gabhail air. Mu dheireadh ruisg iad e. An uair a chunnaic iad na h-athailtean a bh’ air a dhruim, thuirt iad agus iad ’g a bhualadh na bu treise, “Oh choin, bha toil agad a thoirt a chreidsinn oirnn gur e duine onorach a th’ annad, ach tha do dhruim ag innseadh nach e.” “Ochan!” arsa mo bhrathair, “feumaidh gu’m bheil mi anabarrach ciontach ma tha mi gu bhith fulang peanais an dara uair gun aobhar sonraichte sam bith air a shon.” Cha tugadh na seirbhisich geill sam bith do na thuirt mo bhrathair riutha, ach thug iad gu beulaobh a’ bhreithimh e. Dh’ fheoraich am breitheamh dheth cia mar a bha de dhanadas aige a dhol do thaigh sam bith, agus a bhith ruith as deigh muinntir an taighe agus a sgian fosgailte ’na laimh?” “A mhaighstir,” arsa mo bhrathair, “is mise duine cho neo-chiontach ’s a th’ air an t-saoghal. Agus tha mi fodha dheth, mur e bhur toilse eisdeachd rium gu foighidneach. Is mi duine cho feumach air truas a ghabhail ris ’s a tha beo.” “A mhaighstir,” arsa fear dhe na seirbhisich, “an toir sibh eisdeachd do robair a theid a steach do thaighean dhaoine gus an cuid a thoirt leotha, agus mort a dheanamh?” An uair a thuirt e so, ruisg e druim mo bhrathair, agus leig e ris na h-athailtean do ’n bhreitheamh. Ghrad dh’ ordaich am breitheamh ceud buille a thoirt dha tarsuinn air an da shlinnein. ’Na dheigh sid thug e ordugh mo bhrathair a ghiulan feadh a’ bhaile air muin camhail, agus duine bhith falbh roimhe, a’ glaodhaich, “So am peanas a nithear air daoine a theid le lamhachas-laidir a steach do thaighean dhaoine eile.” ’Na dheigh so chuireadh am mach as a’ bhaile e, agus thugadh ordugh teann dha gu’n tilleadh ann gu brath tuilleadh. Thug daoine a chunnaic e ’na dheigh so fios dhomhsa. Chaidh mi ’g a iarraidh, agus thug mi do Bhagdad e gun fhios do dhuine sam bith; agus thug mi dha gach cuideachadh a b’ urrainn domh. Cha d’ rinn an righ gaire an uair a chual’ e an naigheachd so, oir bha truas aige ri Alcous bochd. Dh’ ordaich e ni eiginn a thoirt dhomhsa. Ach gun fheitheamh gus an deanadh na seirbhisich mar a dh’ aithn’ e, lean mi romham air bruidhinn, agus thuirt mi ris, “Mo thighearn’ agus mo mhaighstir, tha sibh a’ faicinn nach dean mi moran bruidhne; agus o ’n a chuir sibh a dh’ urram orm gu’n d’ eisd sibh rium gus a so, tha mi ’n dochas gu’n eisd sibh rium mar an ceudna fhad ’s a bhios mi ’g aithris dhuibh nan driodartan a thachair do m’ dhithis bhraithrean eile. Tha mi ’n dochas gu’n taitinn iad ribh pailt cho math ris na dh’ innis mi dhiubh mar tha. Dh’ fhaodadh sibh aon eachdraidh a dheanamh dhuibh, agus fhreagadh iad gle mhath am measg nan sgriobhaidhean a tha sibh a’ tasgadh san leabhar-lann. (Ri leantuinn.) AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. Am Feillire. APRIL, 1899. 1 Di-satharna Là na gogaireachd. 2 DI-DONAICH Di-donaich Càisg. 3 Di-luain Binn Chlann Ghriogair, 1603 4 Dimairt Bàs Righ Raibeart III, 1406. 5 Di-ciaduin Faotainn a mach Chanada, 1497. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine 8 Di-satharna Breith Iain Loudoin, 1783. 9 DI-DONAICH Di-donaich Mion-chàisg. 10 Di-luain 11 Di-mairt Bàs Iain Ghalt, 1839. 12 Di-ciaduin Bàs Dheòrsa Cheyne, 1743. 13 Dior-daoin Breith Raibeart Heron, 1807. 14 Di-haoine 15 Di-satharna Bàs Alasdair Gharden, 1791. 16 DI-DONAICH II. Donaich an déigh Càisge. 17 Di-luain An Fhéill Dhonnain. 18 Di-mairt An Fhéill Mholio. 19 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart II., 1390. 20 Dior-daoin 21 Di-haoine Coinneamh Ghlinn’-Eilge, 1653. 22 Di-satharna 23 DI-DONAICH III. Donaich an déigh Càisge. 24 Di-luain Ardsgoil Dhuneideann, 1582. 25 Di-mairt Crunadh Caluim “Ceannmòr” 1057. 26 Di-ciaduin 27 Dior-daoin Blar Dhunbar, 1296. 28 Di-haoine 29 Di-satharna 30 DI-DONAICH Blar Fhontenoi, 1745. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 7, M. 42 M An Solus Ur, L. 10, U. 2, M. 7 M A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 6, M. 29 F An Solus Lan, L. 25, U. 3, M. 8 F BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 295] [Vol. 7. No. 37. p. 7] CAILEAN BEAG, MAC DHUGHAILL ’IC IAIN. LE IAIN MAC PHAIDEAN, GLASCHU. ’S e duine innleachdach a bh’ ann an Cailean; ach cha b’e duine a bh’ ann idir aig an am mu bheil mi nis a dol a labhairt—ach balach. Ciod e sam bith an toil-inntinn a bha e faotainn ann a bhi cuir chon agus choileach a shabaid, tha e duilich a thuigsinn; ach cha robh innleachd a bha na cheann—agus bha iad lìonar—nach feuchadh e, gus an obair bhorb ud a thoirt mu ’n cuairt. ’S minic a b’ fheudar do dh’ Eilidh ruadh, te a mhuinntir a bhaile anns an robh Cailean a chòmhnuidh, dol air chasaid air Cailean; agus ’s minic a fhuair Cailean—mar a theireadh e fein—a laimhseach, air tàileabh casaidean Eilidh. Bha coileach briagha aig Eilidh—coileach Gallda, torcunn (dorking), mar a theireadh i fein, agus ’s minic a chaidh aig Cailean air a choileach aig Eilidh a chuir a shabaid ris a choileach aig Mor an t-Srath, agus chuireadh sud Mor an t-Srath agus Eilidh a throd; agus chòrdadh an da chuid, trod nam ban, agus cath nan coileach, ri Cailean gu gasda. Ach ged a b’e ’n coileach aig Eilidh eun bu truime na ’n t-eun eile, ’se am bitheantas a bha faotainn na cuid bu mhiosa dheth, agus thug sud air Eilidh a h-uile rud a b’ urrainn i a dheanamh gus na h-eoin a chumail o chéile, agus bha sud a fàs ni b’ fhasa a dheanamh, on a bha an t-eun fein a fas coma deth ’n obair anns an robh daonnan tuille call na buannachd. Ach air latha àraidh, fhuair Cailean an cothrom, agus bha e a deanadh a dhichill gus na coilich a chuir a shabaid, ach cha rachadh na coilich a shabaid air a shon. Co-dhiu fhuair e greim air na coilich, agus cheangail e air earraball le obar iad. Bha fios aige gu ’n cuireadh sud na cait ann an sgornaibh a chéile; ’s on a chuireadh e na cait ann, carson nach cuireadh e na coilich. Ach bha Cailean air a mhealladh le bheachd fein an uair ud; cha rachadh na coilich a shabaid idir anns an doigh ud, sann a bha an darna fear a tarruing an fhir eile ghreis ma seach. Mhothaich Eilidh do na coilich, agus a nunn a bha i na ruith, ’s i ann am beachd gur h-ann a sabaid a bha iad; ach an uair a chunnaic i mar a bha, ’s ann a dh’ éirich spiorad uaibhreach, àrdannach innte, an aghaidh an neach a rinn an gniomh mollaichte ud, mar a thuirt i fein. Dh’ fheuch i ri breith air na h-eòin, gus an leigeil ma-réir, ach dh’ fhaodadh Eilidh a radh mu na coilich mar a thuirt Donnacha Ban mu ’n eilid:— “’N uair a shaoil mi i bhi buailte, Siud an uair a b’ airde leum i.” An uair a shaoil Eilidh gu ’n d’ fhuair i greim air na coilich, siud an uair a b’ àirde leum na coilich. Ach leis na leumannan a bh’ ann thainig an t-earrabal as a choileach aig Mor an t-Srath. ’S esan a dh’ fhaodadh a bhi mor as fein, an latha a bh’ ann a siud, oir chaidh e dhachaidh agus da erraball aige. Cha ’n ’eil teagamh nach robh amharus aig Eilidh gur h-e Cailean a rinn an droch ghniomh ud, ach cha bu toil leatha dol a chasaid air o nach robh i cinnteach; cha b’ fhada gus an d’ fhuair i dearbhadh—no co-dhiu na bha na dhearbhadh gu leoir le Eilidh. Thachair boirionnach oirre, a thuirt rithe, gu ’m faca ise Cailean agus coileach anns gach achlais aige. Bu leoir sud; a mach a ghabh Eilidh gu tigh Dhughaill ’Ic Iain, a dhol a chasaid, turus air a minic an deachaidh i roimhe siud. Mar a thachras do gach neach aig nach bi cuimhseas glan, cha robh Cailean fuasach socrach ged a bha e stigh na shuidhe, bha e a sealltainn troimh ’n uinneig an drasda ’sa rithist gus am faca e Eilidh a tighinn, agus a sin smaointich e gu ’m b’e ’n gliocas dhasan a chasan a thoirt leis ris a bhruthach, agus bha e a gabhail a mach air a shocair fhein, gu fàilidh, air eagal gu ’n d’ thugadh neach sam bith an aire dha. An uair a rainig e faisg air an dorus, chunnaic e gu ’n robh a mhuc mhor, ’s a ceann ann a soire, as an robh i ag itheadh biadh a chaidh a thoirt dhith, ’san sin bhuail rud-eigin eile ann an inntinn Chailean. Thill e air ais agus fhuair e an ladar; bha poit làn uisge air ghoil, an crochadh ris an t-slabhraidh, agus thog e steall as a phoit leis an ladar, agus ghabh e sios a chatha, gun neach a toirt an aire do rud a rinn e, an uair a chuala e fuaim coiseachd Eilidh, agus a chunnaic e a faileas a dùradh anns an dorus, thilg e an t-uisge goileach a bh’ aige anns an ladar air druim na muice. Cho clis ris an fhùdar, ris a rachadh sradag theine, bha ’mhuc a mach air an dorus a chruinn-leum, a dol mu chasan Eilidh, agus ga togail leithe air a druim; agus ma sheinn muc riamh ceol, sheinn muc Dhùghaill ’Ic Iain ceol mor an latha ’bh’ ann a sud. Ach ma sgriach a mhuc, neo-ar-thaing mur do sgriach Eilidh. Cha robh duine beag no mor a bha stigh nach do leum a mach, cho luath ’sa b’ urrainn iad. Cha robh Eilidh na bana mharcaiche mhath, agus cha deach aice air fuireach na diollaid fuathasach fada, agus an uair a thainig a chuideachd a mach fhuair iad na sìneadh air an làr i. Agus fad ’sa bha càch a cuideachadh Eilidh gu eiridh, bha Cailean a toirt a mhonaidh air, far an d’ fhuirich e fad an latha, gus na chuir an oidhche, agus eagal nam bòcan dhachaidh e.—Highland News. Dr. G. T. MacGILLEAIN DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI. C. B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! EDDY’S Indurated Fibre Ware TUBAICHEAN, BUCAIDEAN, &C. Tha iad air fas cho measail ’s gur gann a tha tigh ceart as an aonais. Nuair a theid thu cheannach INDURATED FIBRE WARE feuch gu faigh thu an seorsa tha air a dheanamh le E. B. EDDY. Tha ar n-ainm ’na urras air an stuth. Tha SEORSACHAN EILE ’g an creic aig an aon phris. Ach ma ni thu na dha a choimeas ri cheile, chi thu nach eil iad cho math, agus gheibh thu mach nach bi iad cho buan. Air son do mhath fhein mata, ceannaich sin a tha air a dheanamh le THE E. B. EDDY CO., Ltd. AGENTS: Iain Peter’s & Co., Halifax, N. S. Schofield Bros., St. John, N. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 296] [Vol. 7. No. 37. p. 8] Gille mo Luaidh. LE BARD NA LEDAIGE. Seinnidh mi duan do ghille mo luaidh, A thainig mu’n cuairt an dé; Bu bhlàth leam a shùil ’s b’ aoidheal a ghnùis. Mo rùn e measg nan céud. Ged tha thu ’s an tim gle fhada bho’n tir, ’S am b’àbhaist do d’shinnsear bhi’n tamh; Tha ’n Gàidheal ad chridh, ’s cha ghabh e cur sios, Le ni sam bith ach am bàs. ’S ann an Apuinn nan stuadh a thuinich do shluagh— Na Stiubhartaich uasal, àrd; ’S ann doibh a bu dual bhi colgarra cruaidh, Is iad nach tilleadh ’s a chàs. Ged ’s sgapte ’s an uair na fàilleinean uain’, A thàinig bho shluagh nam beann, Tha’n spiorad mar bha, is bithidh gu bràth, A ruith anns gach àl de’n clann. Gach lusan de’n fhraoch tha sgapte ’s an t-saoghal, ’N uair ruigeas e taobh nam beann, Tha smuaintean a chridh a’ tilleadh gun strìth. Dh’ ionnsaidh na tim a bh’ ann. Mo chead leat an drasd, O! ille mo ghràidh, Is till rinn gun dàil mu thuath, S gu’n cuir sinn ort failt le furan is àgh ’S le cridheachan blàth ’ga luaidh. Soiridh. Och nan och na bheil air m’ aire, ’S truagh a nochd na bheil am dhith, Sud e righ, gur mór mo ghaol ort, Ged nach fhaod mi bhi ’ga inns’. Tha mi ’g ionndrainn, is cha’n àicheadh Mi ’n té bhàn a bha ’s an fhrith; An déigh dhomh bhuachailleachd ’s a h-àrach, ’S eagal leam gu’n d’ fhàg i mi. A Bheinn-bhreac nan creachann àrda, ’S tric a shàruich thusa mi; Ach tha mi ’m bliadhna dol ga d’ fhàgail— Soiridh slàn leat gus an tìll. Cha ’n ’eil cnoc no glac ad’ aodann, Coire fraoich a bhos no shìos, Nach ’eil a’ cuimhneach iomadh rud dhomh, Ged nach faod mi bhi ga inns’. Soiridh leis gach beinn is fireach— A’ bheinn o’m mithich dhomh ’bhi triall’. Guidheam fada féidh a’d ghlacaibh B’e bhi ’n taice riut mo mhiann. LITIR A CALIFORNIA. FHIR-DEASACHAIDH MAC-TALLA,—Am bi meas agad air sgeul o’n airde ’n iar? Tha thu toirt cunntas air aimsir tha doirionnach,sneachda trom agus fuachd tha milteach. Tha samhradh againn daonnan an so. Tha na machraichean gorm, na luibhean fo bhlath agus an t-ur fhas sgaineadh air craobhean meas; tha aobhar iomagain againn air son sin. Tha earann ann an taobh deis na staide so, fulaing le tiormachd. Tha moran fearann air a chuir agus roinn tha seargadh as, gun taiseachd. Cha d’fhuair an sluagh so barr an uiridh agus nis tha iad call am misneachd. Anns a chearn so, tha pailteas uisge air tuiteam a cheana, agus tha nis leoir gach bliadhna. Bha taomadh uisge againn a nis re da latha agus tha e cumail ris fathast gu dian, agus tha dochas agam gun do thuit cuid mhor air na criochan tartmhor. Tha mi faicinn gum bheil an uine gealtainn soirbheachadh do’n luchd-oibre am bliadhna? Tha an tuarasdal air eirigh ann an aon seachduin o chuig gu deich ‘cents’ air an dolar, dhoibhsan bha ’g obair air cotan, meiteal agus cladhach gual. Tha iarunn agus cruaidh dol suas am pris. Tha gach duthaich cuir an saibhras agus am feart ann am bearta marbhtach agus luingis ’g an giulan. Tha obair de gach seorsa dol am feothas. Cha mhor nach eil bliadhna o thoisich cogadh eadar an duthaich so agus Spainn. Cha do mhothaich sin gun robh aimhreit dol air aghart ni’s mo na sibhse tha air eilean C. B. Tha e fior gun deach aireamh anns an t-saighdearachd; agus chuir ‘California’ buidheann a fhuair cliu airson an euchd anns na Phillipines. Thainig na feachdan air an rathad-iarunn gu ‘San Francisco,’ agus a sin sheol iad air na luingis-aisig. Rinn uprait a Chlondike moran nis mo luasgadh a measg dhaoine na an cogadh. Tha parlamaid na staide so dluth air sgaradh; o’n thainig iad cruinn bha iad feuchainn ri seanair a roghainn a rachadh gu Washington ach dh’ faillinnich iad. Bha ceithir fir fhuar an cumantas o 20 gu 25 bhotan, is ann mar so chuir iad bacadh air a cheile. Tha ‘Pennsylvania’ agus ‘Maryland’ ’s a cheart suidheachadh. Feudaidh so an comas-taghaidh chur ann an lamhan an t-sluaigh. Dh’orduich iad deich ar-fhichead mile dolair airson toradh na staide so nochdadh anns an Fhraing a bhliadhna so tighinn; a thuilleadh air so, dh’ orduich iad coig-ceud-mile dolair airson nochdachadh anns an staide so ann an 1901. Anns a bhliadhna sin tha Glaschu an Albainn agus Buffalo ann an staide Iorc Nuadh dol chumail nochdadh airson an cuid oibre a thaisbeanadh. Bha muinntir ‘San Francisco’ o chionn fada dol air chuthaich, cuir geall air na h-eich-reis. Bha daoine bochd, mnathan, gillean agus caileagan, cho math ri clann air an dusgadh gu boile. Bha iad dearmadadh air gach ni, ach an reis agus deanamh ana caitheamh anabarrach. Fhuair iad innleachdan air airgeid a thional, doigh air chor-eiginn. Bha maoin air a reic agus meirle air a gnathachadh airson anamiann a thoileachadh. Ann an imcheist chuir an sluagh impidhean gus a pharlamaid ach ghabh iad riu gu suarach. Bhrosnaich so luchd riaghlaidh a bhaile, thainig iad cruinn, reachdaich iad an aghaidh bhi ruith each an taobh-stigh do chriochan a bhaile, agus mar sin chur iad as do chleachdadh mi-chiatach agus mi-chiallach. Tha mor aoibhneas anns a bhaile, ard mholadh air na daoine aig an robh treubhantas seasamh gu foghainteach gus an do mhuch iad an t’olc so. Air an Di-domhnaich so chaidh shearmonaich gach urramach anns a bhaile air a bhuaidh a fhuair ceartas. GUTH AN IAR. Caspar, California, March 15, ’99. Seachdain gus an diugh, chaidh tigh ’na theine ann a New York, agus bha da dhuine dheug air an losgadh gu bàs ann. Tha an ard-pharlamaid gun a dhol a dh’ obair ceart fhathast. Tha moran bruidhne us connsachaidh g’a dheanamh, ach cha do thòisich fior-obair fhathast. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 297] [Vol. 7. No. 38. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 21, 1899. No. 38. COILEACH UISDEIN. Anns a bhliadhna 1883, chruinnich Ard-sheanadh na h-Eaglaise Seannairich, ann am baile Lunnainn, an Ontario. Am measg nan éildeirean a chaidh a chum an Ard-sheanaidh bha Uisdean Ros, as a Bhaile Bheag, no Glaschu Ur, am Picto. Nuair a bha an luchd-siubhail taobh eile Thruro, thoisich prasgan de dhaoine a bha ag òl tuilleadh ’s a chòir, air trod ’s air connsachadh ’s air mùidheadh nan dorn. Dh’ fhàg Uisdean an carbad anns an robh e-féin, is chaidh e a chur sìthe orra. B’ aithne dha cuid diu, is ghabh iad a chomhairle. Nuair a bha e an Lunnainn bhiodh e a siubhal gun sgur ’s a beachdachadh air gach ni a bha ri ’fhaicinn. Chaidh e a shealltainn air caraid dha a bha a fuireach beagan de mhìltean a mach a Lunnainn, agus fhuair e coileach is cearc, de sheorsa ùr, bhuaithe. Thug e leis iad ann an eunadan grinn, sgiobalta. Nuair a bha e a tighinn dachaidh stad e oidhche aig Rudha Lébhi, mu choinneamh Chuibeic. Fhuair e àite bho fhear an taigh’-osda anns am fàgadh e an coileach ’sa chearc ré na h-oidhche. Cha robh e ag iarraidh an cumail ann an ciomachas gun sgur; mar sin dh’ fhosgail e dorus an eunadain dhoibh. Chaidil Uisdean gu sùnndach, gun eagal air roimh shionnaich no roimh mhèirlich. Nuair a dhùisg e sa mhaduinn thug e sùil a mach, ’s gu dé a chunnaic e ach an coileach aige air a bhlàr ’s e a goirsinn cho ard ’sa b’ urrainn e. Leum e na thriubhsair ’s na bhrògan, ’s a mach ghabh e as déigh a choilich. Fhuair e a staigh do ’n t-sabhall e is rinn e greim air. Thug e dhachaidh e slàn, fallain. Nuair a thainig beul na h-oidhche ’sa bha daoine a ruith a mach a seanachas, thoisich fear de na bha anns a chuideachd air oran a dheanamh air a choileach. Sgriobh e a sios e, is leugh e e do dh’ Uisdean ’s do dhaoine eile a bha ’sa charbad. ’S math a tha cuimhne aig a Ghaidheal shuairce, ghasda sin, Alasdair Caimbal, an Strath-Latharna, air an òran. Bha e air fear de na daoine a bha ’sa chuideachd. Bha Beinn-Shìle mu thri mile bho ’n àite ’san do rugadh Uisdean, agus mu shia mile deug air slighe dhìrich a chlamhain o’n Bhaile Bheag. ’S duilich leam ri radh gu bheil Uisdean an diugh fo ’n talamh. Bha e na dhuine sunndach, aoibheil, diadhaidh; dichiollach gu feum a dheanamh; agus na fhior Ghaidheil. Cha b’ ann idir na theanga a bha a mhaitheas, ach na chridhe, mar bha a dhòighean a nochdadh. Mur biodh e mar a bha e, ’s e ’s dòcha nach deach òran a dheanamh air fhéin no air a choileach, eadhon airson fearas-chuideachd. B’ aithne dhòmhs’ Uisdean a cheart cho math ’sa b’ aithne do ’n fhear a rinn an t-òran e; b’ aithne dhomh e agus bu toil leam e. So agaibh, ma ta, oran a choilich:— LUINNEAG. Hil iu, ilin o, Agus ho ilin éile; Hil iu, ilin o, Agus ho ilin éile; Hil iu, ilin o, Agus ho ilin éile; ’S e ’n coileach a thug Uisdean Do ’n dùthaich ’tha féumail. ’S ann againn-ne ’tha ’n t-éildear ’Tha léirsinneach, tùrail; Gur math air bialabh cléir e Gu réiteachadh chùisean. ’S fear-labhairt tuigseach, geur e, ’S theid éisdeachd gu dlùth ris; Tha tlachd aig’ an deagh bheusan, ’S do ’n eucoir cha lùb e. Am bliadhna thug e sgriob bhuainn Do thìr an eas’ uaibhrich; Is anns a charbad-iarainn Bu chiallach a ghluasad. Gum b’ fheumail e ’thoirt gròcaidh Air òigridh mhi-stuama, ’S a threorachadh luchd-còmhstri Gu stòldachd dhaoin’-uaisle. Nuair bha e ’m baile bòidheach Nan ròs-chrannan àluinn, Bu ghlic a chaith e ùine, Bu shiubhlach gach là e, ’S e gabhail beachd gu geur Air gach réidhlein is gàradh, Gach ceithir-rothach briagha, ’S each dian-ruitheach, stràiceil. A tigh’nn air ais do ’n tìr so Bha inntinn làn sòlais; ’S ann ’shaoileadh cuid de shluagh Gun do bhuaireadh le pròis e. Bha coileach de sheors’ ùr aig’ Ga ghiulan fo chòta, Is cearcag laghach, fhinealta, Mhìn-iteach, bhòidheach. Tha ’n coileach maiseach, deante, Tha liad agus aird’ ann; Tha spuirean fada, giar’ air Gu riasladh ’s gu sàthadh; ’S tha fios gu bheil e sgairteil, Is tapaidh, neo-sgàthach; Bu bhras e aig Ros Lébhi A leum air na sràidean. Bidh uidheam troma, briagha, ’Nis lionmhor ’san àite; ’S bidh iseanan ro-chiatach Gam biathadh ’s gach bàthaich. Theid cliu a choilich ùir Feadh na dùthcha ’s thar sàile, S bidh othail agus bòilich ’S gach còmhail mu ’àlach. Nam biodh an diugh ann daoine Cho faoin is a b’ àbhaist, ’S gun doirt’ na coilich còmhla Gu còmhrag ’san àraich, ’S e ’m fear so a bhiodh sùrdail A smùideadh gach nàmhad. Gur h-iomadh sùil is cìrean ’Bhiodh mìllte fo shàiltean. Na clamhain tha mu ’n cuairt Bidh fo uamhas nuair chi iad An coileach mòr aig Uisdean Mu ’n dùnan a sgriobadh. Bidh fios aca gum feum iad ’Bhith beusach is siobhalt; ’S ann theicheas iad le oillt-chrith Do choilltibh Beinn Shìle. June 28, 1883. B’ aithne do chuid de na leughas an litir so an t-Urramach Rob Ros, a bha na mhinistir ann an Wolfville. Bha coinnibh aig Goill a bhaile sin air oidhche shònraichte, agus bha òraidean agus òrain aca. Bha fios aca gun robh Gaidhlig aig a mhinistir og a bha air teachd nam measg, agus gun robh e na sheinneadair math. Shàsuich iad ann gus rud-eigin a sheinn daibh ann an Gaidhlig. Thug e dhaibh oran a choilich, agus bha iad cho toilichte leis a cheol ’s gun dug iad air a sheinn da uair. Thug e an aire mhath nach d’ innis e dhaibh cia uime a bha ’n t-oran. Bha duine no dha ag iarraidh “Coileach Uisdein.” Tha e an nis aca. GLEANN-A-BHAIRD. AIR CHUAIRT ’SA GHAIDHEALTACHD. A’ Chiad Earann. LE UILLEAM MAC COINNICH. Paipear a bha air a leughadh aig Ceilidh Comunn Gailig Ghlascho, air Di-satharna, an 11mh latha dhe ’n Mhàrt, le Uilleam Mac Coinnich, an Dun-Eideann.— Cha robh mi riamh roimhe air chéilidh an Glaschu; ach tha mi a cluinntinn gu’m b’ eil an céilidh dha chumail ’sa bhaile mhòr so cho Gàidhealach agus a gheibhear e an ceàrnaidh ’s am bith dhe ’n taobh tuath. Nach ann mar so a sheinn Màiri Nic-Ealair nach maireann, ORAN A’ CHEILIDH? O séid a suas a phìob nam buadh ’S gu’n toir sinn cuairt air dànnsadh; Oir ged tha fuachd a’ Gheamhraidh cruaidh, Gu’m faigh sinn duais ’san t-Samhradh. O càirich mòine, a bhean chòir, Air cagailt mhòr neo-ghanntaidh; ’S bidh cuideachd òg a’ toirt le deòin Dhiunn òrain a bhios seannsail. Gheibh sinn sgéil air laoich na Féinn’ ’S mu dhaoine treun’ ar seòrsa; ’Ni sinn le ’chéile làn a dh’eud ’S a ni air éuchd sinn deònach. Is gabhar leinn ar n-òrain bhinn, Is cha bhi sinn fo anntlachd; ’S mar cheileir seinn aig eòin a’ ghlinn Bidh ribheid ghrinn a’ channtair. ’S ged nach eil flùr an gleann no ’n stùc, ’S na h-eòin gun dùrd ’s na cranntan; Is glasan ùr gu daingean dlùth A’ ceangal lùb gach alltain, Ged a tha gach gleann cho fàs, Is sneachda bàn air beanntan; Thig fraoch fo bhlàth is coill fo bhàrr; An uair thig blàths na Bealltainn. Tha an Ceilidh aig na h-Eirionnaich air an aon dòigh is a tha e aig na Gaidheil. Iomadh bliadhna roimhe so chuir Sir Somhairle Mac-Fhearghuis nach maireann, a mach leabhar Beurla làn de Sgeulachdan a’ Cheilidh Eirionnaich. Is e Hibernian Nights’ Entertainment is ainm dha. O chionn sia no seachd a bhliadhnachan chuir Domhnall O’Fotharta mach leabhar de’n aon seòrsa anns a’ Ghailig Eirionnaich. Is e is ainm da “Siamsa an Gheimhridh; no cois an teallaigh in Iar g-Connachta.” Tha am facal “Siamsa” a’ ciallachadh “fearas-chuideachd;” is tha an leabhar làn de sgeulachan, de dh-òrain, is de thoimhseachain mar chluinnear iad aig a’ Cheilidh Ghaidhealach. Bha ministear uaireigin air chuairt-shàmhraidh ’sa Ghaidhealtachd; agus latha de na làithean rinn e searmoin mu ioma rud—nithean a tha shuas air neamh, shios air an talamh, is anns na h-uisgeachan fo ’n talamh. “Ciod e an seòrsa searmoin a fhuair sibh an diugh?” arsa Calum Figheadair ri Ruairidh Tàillear ’nuair ràinig Ruairidh baile. “Fhuair,” arsa Ruairidh, “Searmoin gun cheann, gun mhàs, gun ghràs, gun ghràmar.” Cha ’n ’eil mise a’ dol a thoirt searmoin gun cheann no gun mhàs dhuibh a nochd, ach bheir mi dhuibh sgeula dhe gach seòrsa á mo mhàileid, agus faodaidh sinn oidhche a chur seachad cho Gaidhealach is ged bhiomaid timchioll air a’ ghealbhan, na cearcan na’n suain air an fharadh, a’phoit-dhatha ri taobh na cagailt, Bean an-tighe ri calanas, ribhinn òg ag òran no Bodach ag innseadh sgeulachd ann an seann fhasdail dhuibh ’san taobh tuath. Co a bha riamh air cheilidh nach cuala sgeula air Bodach no air droch spiorad air chor-eigin a dh’ fheuch ri cur as do dhuine bochd a bha ’gabhail an rathaid leis fhein ’san anmoch? An cuala sibhse riamh mu UISDEAN MOR MAC-’ILLE-PHADRUIG? Bhuineadh e do Loch-Bhraoin, agus a reir is mar chuala mise is e duine [TD 298] [Vol. 7. No. 38. p. 2] foghainteach a bh’ ann—duine air nach do chuir nàmhaid, Bodach, no droch spiorad riamh geilt. Bhiodh e ri sealg nam fàsach, is ’nuair a choinnicheadh droch rud sam bith ris sheasadh e ’àite fhein gu duineil. Ach cha mhòr nach d’ thug Breabadair nan casan buidhe bha’n Amhainn Ghairbh a dhùbhlan da. Tha an amhainn so a’ ruith bho mheadhon Siorramachd Rois is a dòirteadh anns an loch ris an canar an diugh Loch-Ghairbh. Is e Loch-Maol-Fhinn an seann ainm a bh’ air an loch so, agus tha Cill-Fhinn ri ’faicinn aig ceann an loch gus an latha ’n diugh. Their iad ’san taobh tuath— “Cill-Fhinn, Cill-Duinn ’S Cill-Donainn— Na tri Cilltean is sine ’n Alba.” Bha Uisdean Mor uaireiginn air thurus an Cill-Fhinn. Thog e air dhachaidh do Loch-Bhraoin an deigh tuiteam na h-oidhche. Co a thachradh ris air an rathad ach duine air an robh mòr iomradh ’san àite, ris an cantar Breabadair nan casan buidhe. “C’aite am beil thu ’dol mar so is e cho anmoch,” ars’ am Breabadair. “Tha mi ’dol dachaidh do Loch-Bhraoin,” ars’ Uisdean. “Am beil armachd ort?” ars’ am Breabadair. Thuirt Uisdean gu’n robh. “Ciod e a th’ agad an sin air do ghualainn?” ars am Breabadair. Fhreagair Uisdean gu ’n robh an deadh mhusg. “Is ciod e a tha an sin air do chruachainn?” ars am Breabadair. “Tha mo chlaidheamh,” ars’ Uisdean. “Is ciod e a tha an sin a’ clibidich ri do shliasaid?” Chuimhnich Uisdean nach robh e sealbhach ainm nan arm uile a thoirt do nàmhad no do choigreach agus ged is i a’ bhiodag a bha ’clibidich ri a shliasaid is e thubhairt e—“Thà Breathag Piuthar-mo-Mhàthair.” Chuir am Breabadair Fàth-fithe air fhéin agus ann am priobadh na sùla cha robh sealladh ri fhaicinn deth. Chuir na thachair oillt air Uisdean. Bha gris air fheoil is thàinig fuar-fhallus air a dhruim, ach ghabh e air aghairt, is air aghairt gu’n ghabh e. Mu dheireadh ràinig e eas na h-aimhne. Thug Cailleach-Oidhche bh’ ann a’ mullach craoibh ràn aisde nach mòr nach do chur Uisdean bochd á cochul a’ chridhe. Thug e suil am measg nan craobh, is ciod e chunnaic e aig taobh an eis ach boc mòr cleideach odhar? Thug Uisdean ionnsaidh air a dhol air aghairt, ach cha bu luaithe a thug na a thuirt am Boc—“Sin cha téid leat Uisdein,” agus anns an fhacal chaidh e an sàs an Uisdean le ’dha adharc. “A bhiasd leibideach [?], ars’ Uisdean, “cha tu is fhearr fios.” Cho luath ’sa b’ urrainn da, chuir e mhusg ri ghualainn, chaog e an t-sùil is loisg e; ach bha an dara cuid rosad air a’ mhusg no sian air a bhoc. Cha d’ rinn an urchair na bu mhò chron air a’ bhoc odhar na ged a thilgeadh Uisdean boiseag de dh’ uisge na h-aimhne air. An sin tharruing Uisdean a chlaidheamh, ach a dh’ aineeoin cho cruaidh is a bhuaileadh e am Boc, cha dheargadh e air. Bha rosad air a’ chlaidheamh cuideachd. Gu fortanach, cha d’innis e ainm na biodaig. Thug e Beathag (mar thuirt e rithe) as an truaill, agus le aon bhruan bha i am mionach a’ bhuic. Thug am boc ràn as; thuit e; ’s shìn e na ràimh. Rug Uisdean air gu thilgeil ’san eas, ach co bha ’na chlosach marbh na làmhan ach Breabadair nan casan buidhe ’bha an Amhain Ghairbh! Aig uair eile bha Uisdean a’ gabhail frith-rathad monaidh eadar Gearrloch is Diobaig—rathad an Tuim-Bhuidhe, mar theirear ris. Air taobh Ghearrloch dhe ’n Tom-Bhuidhe tha àite anns an robh Figheadair no Breabadair a’ tamh. Choinnich am Breabadair Uisdean am bial na h-oidhche is thubhairt e—“Bidh tu anmoch an nochd Uisdein. ’S fhearr dhuit an oidhche a chaitheadh cuide rium fhein. Ciod e ni thu mu choinnicheas a’ Ghobhar Bhuidhe thu?” “Tha mo dheadh ghunn’ agam,” ars’ Uisdean. “Ach ciod e ’ni thu mu dhiùltas i?” ars’ am Breabadair. “Tha claidheamh agam,” ars’ Uisdean. “Ach mur tig e as an truaill, ciod e ’nì thu?” “Mar a tig,” ars Uisdean, “tha piuthar-mo-sheanmhair agam,” is e ’cur a làimh ri chrios far an robh a’ bhiodag. Ghabh Uisdean roimhe gus an d’ rainig e Slugan-an-Tuim-Bhuidhe. Chual e meigead, is co bha an so ach a ghobhar bhuidhe. “An e do mheann a tha bhuat, a Chleiteach?” ars’ Uisdean. Fhreagair a’ ghobhar—“Ma’s e, tha mi an dùil gu ’n d’ fhuair mi nis’ e. Uisdein Mhòir Mhic-’ille-Phàdruig, do bheò cha téid as.” “A bhiastag odhar nan allt,” ars’ Uisdean, “agad cha’n ’eil brath.” Leum a’ ghobhar air Uisdean is chuir i air a ghlùn e. Chuir e ghunna ri h-eanchainn ach cha loisgeadh e srad. Thug e laimh air a chlaidheamh ach bha e gu daingean anns an truaill, is cha tigeadh e as. “C’aite am beil piuthar-do-sheanmhair?” ars’ a’ ghobhar. “Gu dearbh is tu is fhearr cuimhne,” ars’ Uisdean. Thug e tarruing air a’ Bhiodaig is thug e bruan leatha am mionach na goibhre. Theich i roimhe is i leòinte. Lean Uisdean i gus an d’ rainig i eas. Thainig Uisdean air a culaobh ’s chuir e cara-mhuiltean dhi leis an eas! Thill Uisdean air ais gu tigh a’ Bhreabadair. ’Nuair a chaidh e as teach bha am Breabadair air a tharsuinn air a gharman-uchd, leòinte ’sa sileadh na fala. Fhuair e bàs an oidhche sin. Theirear Eas-na-Goibhre ris an Eas gus an latha ’n diugh; agus bhiodh muinntir a’ faicinn tàsg a’ Bhreabadair ann an riochd goibhre aig an Tom-Bhuidhe riamh bho sin! Tha Port-a-bial aca ’san taobh tuath a tha ’tòiseachadh— Tha gobhar mhaol bhuidhe Ann an Tom-Buidhe Gheàrrloch. AIRIDH-NAN-CUMHACH. Leathach slighe eadar Gairbh is Loch-Bhraoin tha àite ris an can muinntir na dùthcha Airidh-nan-Cumhach. Oidhche dhe na h-oidhchean thàinig triùir shealgairean fann sgìth gu Airidh-nan-Cumhach, is chaidh iad as teach do bhothan àiridh a dh’ iarraidh cuid na h-oidhche. Ach cha robh gin rompa a bheireadh aoidheachd dhaibh, oir thug na banachaigean am baile orra roimhe so. Las na fir teine, ’s cha b’ fhada gus an robh feusd aca le sithinn, is aran is ìm is cais; is cha robh gainne air Mac-na-Braiche. Bha fear diubh ’na phìobaire Thòisich esan air cluich air a’ phìob mhòir, is an dithis eile air dànnsadh. Arsa fear de na dànnsairean, “Is truagh nach robh maighdionn òg am fear againn a nochd.” Cha bu luaithe thubhairt na bha triùir ghruagaichean na’n seasamh air an urlar; is cha’n fhacas riamh boinne fala bu bhriagha na gach te dhiubh. Sheinn am piobaire a’ phiob a rithisd; thoisich na gruagaichean air dannsadh, ’s a righ nam fear! bu mhath air iad. An déigh dhoibh a bhi sgith dannsaidh thog iad orra gu dhol a laidhe. Bha seide mhòr luachrach air a’ làr, ’s rinn breacan-an-fhéilidh aodach-leapa dhoibh. Chaidh an ceathrar a’ bha dannsadh a laidhe an so, ach dh’ fhuirich am piobaire air a chasan. Bha eagal air nach robh na gruagaichean cneasda, is suil dha’n tug e chunnaic e an casan aig bonn na seide. An àite mheòirean mar bhoirionnaich eile, ’se a bh’ orra ladhraichean. Dh’ éigh e ri chuid chompanach, ach cha d’ fhuair e freagairt. An ath shealladh a thug e orra bha an cuid fala air an làr, is iad air diabhadh. Smuainich e gu’n robh an t-àm a bhi bogadh nan gad; ach cha b’ urrainn da a’ ghruagach fhàgail. Cha toireadh e ceud feadh a’ bhothain nach biodh i aig a shàiltean. “Fuirich an sin,” ars’ esan, “gus an tig mi as teach.” “Far am bi thusa, bidh mise,” freagair i. “Ud, ud, a bhoirionnaich mhosaich,” ars’ esan “dean fuireach an sin. Sin agad ceann mo bhreacain, agus cumaidh mi-fhein an ceann eile dheth.” Mar so bhà. Ghabh a’ nighean ceann a’ bhreacain, is chaidh am piobaire mach aig dorus a’ bhothain leis a’ cheann eile dheth. Cho luath ’sa bha e mach air an fhàr-dorus cheangail e an ceann a bh’ aige-se ris an ursainn, is as a thug e, is as a leig e. Cha robh e fada air falbh ’nuair a dh’ionndrain a’ mhaighdionn e, is as a thug i ’na dhéigh, is lean an dithis eile i. Bha am pìobaire ’ruith cho luath ’s a bheireadh a chasan e; bha’n nighean a’ ruith ’s a deann-ruith ’na dheigh, is an dithis eile as a déigh-sa ag eigheach: “Cha bu tu do mhathair air t-aois, A Stiona chaol nach beir thu air.” Bha am pìobaire ’na dhùbhlan is Stiona chaol aig cùl a choise. Sgith dhe na phiob a bha fo ’achlais thilg e i ann an eas a bha làmh ris, is ghabh air aghairt. ’Nuair a thuit a’ phiob ’san uisge thàinig gné do nuallan as na duis. Be sin an ceòl bu mhillse is bu taitniche a chuala ’m piobaire riamh oir an àite do Stiona chaol esan a leantainn, lean i nuallan na pioba, is chaidh i leis an eas. Cha do lean an dithis eile na b’ fhaide e, is fhuair am piobaire dhachaidh slàn falainn an oidhche sin. Tha e ri radh gur ann air son na h-obrach so a thugar “Airidh nan-Cumhach” air an àite. (Ri leantuinn.) EACHDRAIDH A’ CHEABHARNAICH. An latha a thàinig O’Dòmhnuill a mach a chumail còir agus ceartais, chunnaic e òglach a’ tighinn. Bha a dhà ghualann trìd a sheann suanaiche; a dhà chluais trìd a sheann aide; a dha bhròig cheigeanach, bhreabanach, riobanach, làn de uisge fuar ròdanach; tri troighean de an chlaidheamh air taobh siar a shliasaid an déidh do an truaill teireachduinn. Bheannaich e le briathraibh furasda, fior-ghlic, mìne, maighdeana. Bheannaich O’ Dòmhnuill da air chomain a bhriathraibh fein. Dh’fheòraich O’Dòmhnuill deth ciod a bu nòs da. “Dheanainn clàrsaireachd,” ars an Ceabharnach. “Tha dà fhear diag agam fein,” ars O’Dòmhnuill, “agus theid sinn a shealltainn orra.” “Tha mi toileach sin a dheanamh,” ars an Ceabharnach. Nuair a chaidh iad a staigh, dh’iarr O’Dòmhnuill orra tòiseachadh, agus thoisich iad. “An do chuala thu ceòl riamh, a Cheabharnaich, ni’s breagha na sin?” ars O’Dòmhnuill. “Thàinig mi seachad air Ifrinn; agus cha do chuala mi sgread innte ni’s gràinnde na sin,” ars an Ceabharnach. “An seinneadh tu fein cruit, a Cheabharnaich?” ars’ O’Dòmhnuill. “So a seinneadair! agus co nach seinneadh!!” ars an Ceabhnach. “Thoiribh cruit da,” ars O’Dòmhnuill. “Is math a sheinneas tu-sa cruit,” ars O’Dòmhnuill. “Cha’n ann mar a thogras tu-sa, ach mar a thogras mi-fein; oir is mi a tha ag obair,” ars esan. Chuir ceòl a’ Cheabharnaich na h-uile clàrsair a bha aig O’Dòmhnuill ’na chadal. “Bithidh mise a’ gabhail slàn leat,” ars an Ceabharnach ri O’ Dòmhnuill. “Cha dean thu sin ormsa,” ars O’Dòmhnuill, “feumaidh tu mo dhaoine a dhusgadh.” “Tha mi ’dol a thoirt sgriob feadh Eirinn,” ars an Ceabharnach; “ma thig mi an rathad chi iad, agus mur a tig bithidh iad mar sin agad fein.” Dh’ fhàg se e agus thachair e air fear a’ buachailleachd. Tha clàrsairean do mhaighstir ’nan cadal,” ars an Ceabharnach ris a’ bhuachaille, “agus cha dùisg iad gus an dùisgear iad. Falbh thusa agus dùisg iad agus gheibh thu [TD 299] [Vol. 7. No. 38. p. 3] na ni duine beartach dhiot.” “Cionnus a ni mi sin?” thuirt am buachaille “Gabh bad de’n fheur sin, agus tum ann an uisge e, agus crath orra e, agus dùisgidh tu iad,” ars an Ceabharnach. Dh’ fhàg e an duine, agus ràinig e Seathan mòr mac an Iarla, tri mile diag an taobh siar de Lumraig. Chunnaic e òglach a’ tighinn. Bha a dhà ghualann trid a sheann suanaiche; a dhà chluais trìd a sheann aide; a dhà bhròig cheigeanach, bhreabanach, riobanach, làn de uisge fuar ròdanach; tri troighean de an chlaidheamh air taobh siar a shliasaid an déidh do an truaill teireachduinn. Dh’fheòraich e deth, ciod a bu nòs da. Thuirt e gu’n deanadh e cleasachd. “Tha cleasaichean agam fein, theid sinn a dh’ amharc orra.” Tha mi gle dheònach,” ars an Ceabharnach. “Nochd do chleasachd,” ars Seathan mòr, “ach am faic sinn e.” Chuir e tri srabhan air cùl a dhuirn agus shèid e dheth iad. Nam faighinn leth chòig mhairg, dheanainn cleasachd na b’ fheàrr na sin,” ars fear de ghillean an righ. Bheir mise sin dut,” ars an Ceabharnach. Chuir e tri srabhan air a dhuirn, shèid e, agus dh’fhalbh an dorn maille ris na srabhan. “Tha thu goirt agus bithidh thu goirt,” ars a mhaighstir, “mo bheannachd air a làimh a thug dhut e.” “Ni mi cleasachd eile dhut,” ars an Ceabharnach. Rug e air a’ chluais aige fein, agus thug e tarruinn oirre. “Nam faighinn leth chòig mhairg,” ars fear eile de ghillean an righ, “dheanainn cleasachd na b’ fheàrr na sin.” “Bheir mise sin dut,” ars an Ceabharnach. Thug esan tarruinn air a chluais, agus thàinig an ceann leis a’ chluais. “Tha mi ’falbh,” ars an Ceabharnach. “Cha ’n fhàg thu mo chuid daoine-sa agam mar sin.” “Tha mi dol a thoirt sgriobh feadh Eirinn; ma thig mi an rathad chi mi iad, agus mur d’ thig bithidh iad mar sin agad fein,” ars an Ceabharnach. Dh’fhalbh e agus thachair e air duine a’ bualadh ann an sabhal, agus dh’ fheòraich e dheth am b’ urrainn ’obair a chumail suas. “Cha mhòr nach b’ uilear domh e,” ars am fear bualaidh. “Ni mise duine saor dhiot rè do bheò,” ars an Ceabharnach. “Tha dithis de ghillean do mhaighstir, agus fear agus an dorn deth, agus fear eile agus an ceann deth; rach thusa agus cuir orra iad, agus ni do mhaighstir duine saoibhir dhiot rè do bheò.” “Co leis a bheir mi beò iad?” ars am fear a bha ’bualadh. “Gabh bad fodair, tum ann an uisge e, crath orra e, agus ni thu an leigheas,” ars an Ceabharnach. Dh’fhalbh e, agus thàinig e gu fear chòigeamh Mhumha, duine mosach, nach fuilingeadh do dhuine a dhol rathad a thaighe; gu h-àraidh an uair a bhitheadh e a’ gabhail a bhidhe. Bha dhà dhiag de luchd-thuaghan air a’ gheata a muigh; a dhà dhiag de luchd-chlaidheamhan air a’ gheata a’ staigh; dorsair air an dorus mhòr. Chunnaic iad òglach a’ tighinn; bha a dhà ghualann trid a sheann suanaiche; a dhà chluais trid a sheann aide; a dhà bhròig cheigeanach, bhreabanach, riobanach, lan de uisge fuar ròdanach. Dh’iarr e a chead orra a staigh a dh’ fhaicinn Fear Chòigeamh Mhumha. Thog fear diubh a thuagh gus an ceann a chur deth, ach is ann a bhuail e air a chompanach i. Dh’ èirich iad air a cheile, gus an do mharbh iad a cheile. Thàinig e gu luchd nan claidheamhan. Thog fear diubh a chlaidheamh gus an ceann a chur deth, ach gheaar e an ceann de a chompanach, agus dh’èirich iad uile a mharbhadh a cheile. Ràinig e an dorsair. Rug e air chaol chasan air agus bhuail e a cheann ris an dorus. Ràinig e an duine mòr, agus e ’na shuidhe aig a thrath-noin. Sheas e aig ceann a’ bhuird. “A dhroch dhuine!” ars an righ, “bu mhòr do chall mu’n d’ thàinig thu an so!” agus e ag éiridh agus a’ breith air a chlaidheamh, gus an ceann a thoirt deth. Lean a làmh ris a’ chlaidheamh, agus lean a mhàs ris a’ chathair, agus cha b’ urrainn a bhean a h-àite fein fhàgail. Nuair a rinn e na h-uile ni a bu mhiann leis dh’fhalbh e, agus thachair e air duine bochd a bha a’ falbh an t-saoghail. “Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa,” ars an Ceabharnach ris an duine bhochd, “ni mi duine sona dhiot cho fad agus is beò thu.” “Cionnus a ni thu sin?” ars an duine bochd. “Tha an righ agus a’ bhan-righ le am màsan ceangailte ri an cathraichean; falbh thusa agus fuasgail iad, agus ni an righ duine mòr dhiot,” ars an Ceabharnach. “Cionnus a dh’ fhuasglas mise iad?” ars an duine bochd. “Crath uisge orra agus èiridh iad,” ars an Ceabharnach. Dh’ fhalbh e as a sin, agus ràinig e Rob Mac Sheoic Mhic a’ Lagain, agus e fuidh eucail ’na chois fad sheachd bliadhna. Bhuail e bas ri crann. Dh’ fheòraich an dorsair co a bha ann. Thuirt e gu’n robh lighiche. “Is iomadh lighiche a thàinig,” ars an dorsair, “cha’n eil ceann stob anns a’ bhaile gu cheann lighiche ach an t-aon, agus dh’ fhaodadh e a bhi gur ann airson do chinnsa a tha am fear sin.” “Cha’n fhaodadh,” ars an Ceabharnach, “leig a staigh mi.” “Ciod a tha a’ cur ort a Rob!” ars an Ceabharnach. “Tha mo chas a’ gabhail rium o chionn sheachd bliadhna. Dh’ fhairtlich i air leigh agus lighichean,” ars Rob Mac Sheoic Mhic a’ Lagain. “Sìn do chas uat,” ars an Ceabharnach, “dh’fheuchainn am beir thu air an dà leigh dhiag, no am beir an dà leigh dhiag ort.” Dh’ èirich e. Cha bheireadh duine sam bith air-san, agus bheireadh e fein air na h-uile fear eile. “Cha’n eil agam ach aon-ghin buadhach nighinn,” ars Rob, “agus bheir mi dhut i, agus leth mo rioghachd.” “Math no olc i,” ars an Ceabharnach, “bitheadh i agamsa no agad fein.” Chaidh àithne a chur air banais do’n Cheabharnach; ach nuair a bha iad an déidh a’ bhanais ullachadh, bu luaithe e as a’ bhaile na geàrr-bhliadhnach. Thàinig e gu Taog mòr O’Ceallaidh, agus e a’ dhol a thogail creach na cailliche Buidhniche. Chunnacadh òglach a’ tighinn. Bha a dhà ghualann trìd a sheann suanaiche; a dhà chluais trìd a sheann aide; a dhà bhròig cheigeanach, bhreabanach, riobanach, làn de uisge fuar ròdanach, tri troighean de an chlaidheamh air taobh siar a shliasaid an déidh do an truaill teireachduinn. “Ciod so a tha a’ cur ort?” ars an Ceabharnach ri Taog mòr O’Ceallaidh. “Am beil feum dhaoine ort?” “Cha dean thusa duine dhomh,” ars O’Ceallaidh. “Nach faigh mi cuid fir ma ni mi cuid fir?” ars an Ceabharnach. “Cia ainm a tha ort?” arsa Taog. “Tha Ceabharnach saothrach, suarach, siubhail orm,” ars esan. “Ciod a tha thu ag iarraidh airson do sheirbhis?” arsa Taog. “Cha’n eil ach gu’n thu a dheanamh dearmad dibhe orm,” ars an Ceabharnach. “Cia as a thàinig thu?” arsa Taog. “A iomadh àite, ach is Albannach mi,” ars esan. Dh’ fhalbh iad a thogail creach na cailliche. Thog iad a’ chreach ach chunnaic iad an toir a’ tighinn. “Bi sìneadh as,” arsa Taog mòr ris a’ Cheabharnach. “Cha dean thusa do chasan co-dhiubh. Cia is feàrr leat an toir a thoilleadh no a’ chreach iomain le do chuid daoine?” “Cha thillear an toir ach nan tilleadh an toir, dh’ iomaineamaid a’ chreach co-dhiubh.” Gheàrr an Ceabharnach fead chaol, chruaidh, agus luigh a’ chreach air an rathad mhòr. Thill e an coinneamh na toir. Rug e air na h-uile fear a bu chaoile cas, agus a bu mhò ceann, agus d’fhàg e iad ’nan sìneadh cas air cheann. Thill e an déidh na creiche. “Is dona a dh’ iomaineas tu fein agus do chuid daoin a’ chreach,” ars an Ceabharnach. “Cha ’n èirich a’ chreach gu bràth,” arsa Taog. Gheàrr e fead, agus dh’ èirich a’ chreach, agus dh’ iomain e dachaidh iad. Thachair gu’n do dhearmaid an duine mòr an deoch a thoirt air tùs do’n Cheabharnach. “Is leam-sa leth na creiche,” ars e. “Tha sin tuilleadh a’s cus dut,” arsa Taog. “Is minig a bha mise agus Murchadh Mac Brian a’ geàrradh sgiath agus a’ sgoltadh lann; bu leis-san dara cuid na creiche, agus bu leam-sa a’ chuid eile,” ars an Ceabharnach. “Ma is companach thu do’n duine sin gheibh thu leth na creiche,” arsa Taog. Ach dh’ fhalbh e agus dh’ fhàg e iad fein agus a’ chreach. Slàn leat a Cheabharnaich; na éirich gu bràth.—Seann Sgeulachd. SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XXV. B’ Alnascar a b’ ainm do m’ choigeamh brathair, agus bha e anabarrach leasg fhad ’s a bha ar n-athair beo. An aite ’bhith cosnadh a loin, is ann a rachadh e anns an fheasgar a bhleid, agus bhiodh e an ath latha ’tighinn beo air na bhiodh e ’bleid am feasgar roimhe sid. Bha ar n-athair ’na fhior sheann duine an uair a dh’ eug e. Dh’ fhag e againn seachd ceud bonn airgid; agus fhuair gach fear dhinn uiread dheth. Bha mar sin ceud bonn am fear againn. Cha robh uiread sid riamh roimhe de dh’ airgiod aig Alnascar, agus cha robh fhios aige air an t-saoghal ciod a dheanadh e ris. An uair a bha e uine mhath a’ cur na comhairle ris fhein, shuidhich e mu dheireadh ’na inntinn fhein, gu’n ceannaicheadh e glaineachan is botuil, agus gach seors’ eile de shoithichean glaine a bhiodh feumail do dhaoine. Chaidh e far an robh marsanta mor, agus cheannaich e fiach na bh’ aige ’dh’ airgiod dhe’n bhathar-ghlaine. Bha ’m bathar aige ann am bascaid fhosgailte anns a’ bhuthaidh bhig a ghabh e. Bha ’bhascaid air a bheulaobh, agus bha e fhein ’na shuidhe ’s a dhruim ris a’ bhalla, a’ feitheamh feuch an tigeadh duine sam bith an rathad a cheannaicheadh rud dhe ’n bhathar uaithe. Bha e greis anns an t-suidheachadh so, agus bha ’shuil gu dluth air a’ bhascaid. Mu dheireadh thoisich e ri beachd-smaoineachadh air fhein ’s air na bha e gus a dheanamh, agus bha e ’bruidhinn ris fhein cho ard ’s gu’n cual’ an taillear a bha laimh ris h-uile facal a bha e ’g radh. “Chosg a’ bhascaid so dhomhsa,” ars’ esan, “ceud bonn airgid—mo chuid dhe ’n t-saoghal. An uair a reiceas mi na bheil innte bidh da cheud peighinn agam. Leis an t-suim so ceannaichidh mi tuilleadh dhe ’n bhathar cheudna, agus an uair a reiceas mi e, ni mi ceithir cheud leis; agus a’ dol air aghart mar so, ni mi air a cheann mu dheireadh ceithir mile peighinn. Bidh e furasda gu leor dhomh ochd mile ’dheanamh dhe na ceithir mile so; agus an uair a ni mi deich mile, sguiridh mi de reic ghlaineachan, agus toisichidh mi ri reic sheudan. Bidh mi ’reic dhaimean is neamhnuidean, agus chlachan luachmhor. An sin, an uair a dh’ fhasas mi cho saoibhir ’s is miannach leam, ceannaichidh mi taigh briagha, staid fhearainn, seirbhisich, agus eich. Bidh gach ni a bhios ri ’fhaighinn ann an taigh sam bith eile, anns an taigh; agus bidh mi ’nam dhuine ainmeil anns an t-saoghal. Bidh luchd-ciul is dannsairean dhe gach seorsa agam. Ach cha stad mi aige so. Le fabhar neimh theid mi air m’ aghart gus am faigh mi ceud mile bonn airgid a chur ma seach. An uair a gheibh mi so, bidh mi ’nam bheachd fhein cho moralach ri prionnsa, agus theid mi ’dh’ iarraidh nighean an ard-chomhairich ri’ posadh. Their mi ris, gu’n cuala mi gu’n robh a nighean anabarrach maiseach, tuigseach, agus geur-chuiseach. Their mi ris, gu’n toir mi dha mile bonn oir an oidhche a phosas mi. Agus ma bhios an t-ard-chomhairleach cho beag tur ’s gu’n diult e a nighean a thoirt dhomh ri ’posadh, rud a tha mi ’smaointean nach dean e, bheir mi uaithe a nighean gun taing dha amhaich, agus posaidh mi i. (Air a leantuinn air taobh 302.) [TD 300] [Vol. 7. No. 38. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., APRIL 21, 1899. NA FRITH-BHUACHAILLEAN AGUS GILLEAN NA SGOIL. Bha mòran poachaidh ga dheanamh ann an Gleann Eid; agus airson stad a chuir air an obair mhi-laghail so, thug Triath Abinger fa-near dà ghamekeeper a thoirt á Sasunn. B’e ainm an darna fir dhiubh Jones, agus ainm an fhir eile Jackson. Bha iad le chéile nan daoine ’bh’ air a meas nan dùthaich fhéin anabarrach teoma, geur-chuiseach, agus gu math gleusda airson luchd-bristidh a lagh a ghlacadh; agus gun teagamh sam bith bha iad nan aobhar cùram do phoidseirean Gleann Eid. Cha ’n ann uile gu leir airson nam buaidheanan a bhuilich Nàdar orra, ach bha e air a sheanachas air feadh na dùthcha gu robh an “Sgoil Dhubh” aig Jones,—nach robh duine a mharbhadh ian na ainmhidh, na mhàin a choisicheadh mi-laghail air fearann Triath Abinger, nach rachadh aig air innse an ceann ceithir uairean fichead. Ach ma bha an fheadhainn bu chòir a bhi glic a creidsinn so, bha dà “thoirmeasg” ann nach robh toirt cus géill do sgoil dhuibh na ghil; b’ iad so Coinneach a ghobha agus Domhull a mhinistir. Ged a bha iad le chéile a smaointinn gu robh a h-uile sgoil dubh, cha robh feartan an t-Sasunnaich a cuir moran grabadh air an inntinn. Beagan ùine an deigh do na Sasunnaich tighinn do ’n dùthaich, bha na seòid a dh’ ainmich mi tighinn as a sgoil, agus shuidh iad an cùl a gharaidh chàil, agus chuir iad an comhairle ri chéile gu rachadh iad a màireach a chruinneachadh uibhean lachainean gu Lochan a Choire. “Feuch a nis,” arsa Domhull, “gu ’n éirich thu moch; agus o’n a tha mi-fhein cho trom air a chadal, theid thu g’ am dhusgadh.” “Dé mar a dhuisgeas mise thu?” arsa Coinneach; “cluinnidh muinntir an taighe mi.” “Ni sinn dòigh air a sin,” fhreagair Domhull; “ceanglaidh mi-fhein sreang ri òrdag mo choise, agus leigidh mi an ceann aice sios le taobh a bhalla, agus ’nuair a thig thusa tàirnidh tu an t-sreang agus duisgidh tu mi.” ’Nuair a bha h-uile cùis suidhichte aca mar bu mhiann leotha, dhealaich iad ri chéile; ach cha tug fear seach fear an aire gu robh Anna nighean Thòmais taobh eile a ghàraidh ag eisdeachd ris a h-uile facal a thuirt iad ri cheile. Fada ma na dh’ éirich a ghrian an ath latha bha Coinneach fodh bhonn uinneag a mhinistir a drathadh na sreinge. Ann an tiota bha Domhull air a chois; thilg e aodach a mach air an uinneig, ’us ghearr e-fhein a sin cruinn-leum a mach; ’us mu ’n cùnntadh tu seachd bha iad suas mullach cnoc a rainnich. “A Dhia beannaich mi!” arsa Coinneach, “seall Anna Thòmais a tighinn a nall na ’r coinneamh.” “C’àite a bheil thu dol cho tràth so, ’Anna?” “Tha mi dol còmhla ribh fhéin gu Lochan a Choire,” fhreagair Anna. “Dé mar a bha fios agad gu robh sinne dol ann?” “Bha mi an cùl a ghàraidh an dé ’nuair a bha sibh a bruidhinn air.” ’Nuair a dh’ éirich Jones sheall e mach, agus thuirt e ris fhein, ma ’se tri féidh a dh’ fhallaich air mullach na beinne, gur iad a bha coltach ri daoine. Cha robh na seòid fada ’nuair a ràinig iad an loch. Bha fothail a sin ag iarraidh nan uibhean. Fhuair iad a naoi; ach nam biodh iad air an taobh eile dhe ’n amhainn, bha iad cinnteach a moran a bharrachd. Chomhairlich iad do dh’ Anna fuireach aig na h-uibhean gus an tigeadh iad fhein o thaobh eile an loch. Cha robh i idir deonach, ach ma dheireadh dh’ aontaich i. Thagh iad an t-àite bu chuinge dhe ’n amhainn, agus thàinig Coinneach le roid ’us rinn e an gnothach gu fior-mhath. Thàinig a sin Domhull; bhuail a dha bhonn air an taobh thall, ’s bha e direach a dol a thuiteam an coinneamh a chuil, ’nuair a rug Coinneach air chluais air; agus ged a theab e ’chluas a thoirt as, cha ghabhabh Domhull ris gu ’n do ghoirticheadh e. Bha fichead ubh aca, ’nuair a leig Coinneach na creachan, “Seall Jones! seall Jones!” Le leth-dusan sinntag bha e aig an amhainn, ’s leum e seachad orra cho aotrom ri earb’. Bha Domhull air a shàil. Cha ’n fhaca Jones duine ach Anna. Ghabh e far an robh i ’us friodh feirge air. Cha robh aodann Coire a Bhreacain latha riamh ri teas sruth lionaidh reoairt, ag atharrachadh cho liutha cruth ’sa bha aodann Jones, le mullach mor na miothlachd. Dh’ fhoighneachd e gu fiadhaich, fuathach, na chainnt fhein, co bha comhla rithe. Cha tug Anna feairt. “You young scamp, will you not tell me who is along with you?” arsa Jones, ’us aodann a tochadh mar gu’m biodh baloon a bhiodh gu sgapadh, agus e ’san àm cheudna a bualadh a bhata tarsuinn na slinneinean air Anna. “A mhic an fhir ud, ge b’ oil leat e,” ars’ Anna; “no I won't tell!” Bha na deoir a ruith le gruaidhean Anna; cha robh fios aice gu robh cobhair cho faisg air laimh. Bha Coinneach a tighinn le sitheadh miol-choin a ruith féidh, agus mar gu ’n deanadh leoghann a bha seachdain na thrasgadh, ghearr e duibh-leum air Jones; bhuail e dhà ghluin an caol an droma air, ’us rug e na dhà laimh air chul amhaich air, thug e an tarruinn ud air, ’s bhuail Jones le trost air an talamh chruaidh. Chuir Coinneach a chas ris, ’s dh’ fhalbh e car le char sios leis a leathad, ’s bhuail e air a bheul ’s air a shroin ann am poll mòine. “O, mo luaidh air do chridhe!” arsa Coinneach; ’s e toirt ceum a null gu Anna ’s ga pògadh. Cha d’ fhuirich na seoid ri sealltuinn co-dhiu bha Jones air chomas tighinn as a pholl mhòine gus nach robh; fhuair iad barrachd dhe ’chuideachd ’s bu mhath leotha. Thug iad nu buinn ri bruthach ’us bha iad aig baile m’ an do dh’ éirich a bheag. Cho luath ’sa dhùisg Jones as a bhruadar neo-mhilis ’s na chuir Coinneach e, dh’ éirich e, ’us chrath e e-fhéin. Cha robh aige a thoradh a shaoithreach ach dorlach do dh’ uibhean briste, agus na lean ri cholluinn de ’n pholl. Tha mi creidsinn nach robh e san àm gun smaointinnean gu leor a ruith ro ’eanachainn; ach ge b’e air bith a bha e smaointinn cha chuala duine eile e. Mu chuairt air mios an deigh sin, ’nuair a bha toiseach aig Jones air driodartan a phuill mhòine a leigeadh as a chuimhne, smaointich na gillean gu robh an t-àm aca dhol a dh’ fheuchainn tuilleadh coracairachd air; agus mar bu ghnath leotha, chuir iad an comhairle ri chéile feasgar. Bha seann ablach de ghunna aig a ghobha, a bhiodh aige a fuadach nan druidean o’n arbhar an am an fhoghair, agus bha e furasda gu leor do Choinneach a thoirt leis gun fhios; ’s bha iad airson a dhol am màireach do dh’ Eilean a Challtain, far a robh pailteas ianlaidh ’us ainmhídhean de gach seòrsa. Bha iad a dol a dh’ fhaotainn iasad de bhàta Mhurachaidh-an-aisig, agus dh’ fheumadh iad a bhi air an ais as an eilean ma ’n gluaiseadh duine san tigh mhor; a chionn bha làn shealladh ri fhaighinn air an eilean a mach á uinneagan an taighe mhoir, ’us mar sin dh’ fheumadh iad a bhi tearuinte. Dh’ iarr iad am bàta air Murachadh agus fhuair iad sud, air chùnnantan na rachadh an glacadh nach gabhadh iad ris ’sa bheatha annta gu ’n tug e-fhéin cead dhaibh. M’ an do bhlais an t-ian an t-uisge la-iar-na-mhàireach, bha Coinneach aig uinneag a mhinistir a tarruinn na sreinge. Bha ’n ceò ann gu urrsanan; ’sa ’nuair a bha na balaich a dol a dh’ ionnsuidh a bhàta thug iad buidheachas do Dhia airson an fhàbhar a bhuilich E orra ’nuair a chuir E an ceo ann. Ràinig iad am bàta, ’s de b’ iongantaichte leotha na Murachadh fhéin a bhi rompa. Thairg e dhaibh gu ’n cuireadh e fhein a null do ’n eilean iad, ’s gu ’n rachadh e ga ’n iarraidh an ceann treis. Cha robh an corr a dhith air na gillean; ach gu tubaisteach bha e na b’ fhaide air aghaidh ’san latha na bha dùil aca. Dh’ éirich Jones ’us Jackson gu math tràth, ’s chaidh iad a ghabhail cuairt, agus thachair gu ’n cuala iad urchaìr. Choisich iad sios gu taobh an Locha ’us chunnaic iad Murachadh. Chaidh iad far an robh e. “My good man,” arsa Jones, “do you know who is on the island?” “I think it's the goats,” arsa Murachadh. “The goats are not firing shots,” arsa Jones. Cha robh Beurla Mhurachaidh ro-mhath ann airson seanachas a chumail ris na Sasunnaich, ’us dh’fhuirich e sàmhach; ach ’san àm sin chunnaic iad coltas duine air mullach an eilean. Dh’ iarr iad iasad de ’n bhàt’ air; gheibheadh iad sud, ach iad ga fhagail far an d’ fhuair iad e. Bha Murachadh a dol dhachaidh. Thug e mach a chnò shnaoiseinn ’us tharruinn e suas làn a shròine dhe ’n stuth phrìseil, bhrìgheil a bha na broinn. Leig e sin a mach rannaghail shreathartan, ’s dh’ fhalbh e. Chaidh na Sasunnaich air tir ’san eilean, ’s ghabh fear air gach taobh gus gu ’n glacadh iad na poidsearan gun taing. Choinnich iad a chéile air an taobh thall, ’s cha d’ fhuair iad duine. Dh’ fheuch iad shios ’us shuas gach cuil ’s gach cial ’s cha robh sgeul air duine. Ma dheireadh bhual an t-acras iad, ’s thug iad lamh air a dhol dhachaidh; ach, a leth na dunach, bha ’m bata air an taobh thall, ’s gun duine ’na choir. Ma bha na Sasunnaich am beachd an toiseach gu robh iad a dol a dheanamh obair sgiobalta a glacadh nam poidsearan, chunnaic iad a nis air an cosg gur iad fhein a chaidh a ghlacadh nan àite. “Woe’s me!” arsa Jones, “if Miss Davidson hears that I have been so disgracefully outwitted by Scotchmen, I will never, [TD 301] [Vol. 7. No. 38. p. 5] never show my face in her presence.” Thòisich Jackson air ciall a chuir ann an Jones; ach bha e cho furasda dha breith air na poidsairean fhéin s’a bha dha ’n obair sin a choimhlionadh. Air deireadh thall, ged bu leasg, b’ fheudar do Jones aodach a chuir dheth, agus snàmh a dh’ iarraidh a bhàta; ach mar a bha a h-uile cama-chomhail dha thog an ceo, ’s ’nuair a bha e tilleadh air ais leis a bhàta cha robh duine ’san tigh mhor nach tàinig a mach, (agus nam measg Miss Davidson), ’us ruith pàirt aca sios an duil gur e duine as a’ rian a bh’ ann, a dol ga bhàthadh fhéin. ’S e leth-bhliadhna bha Jones an Gleann Eid. Bha Jackson iomadh bliadhna ann, ’s bha e gle mhath. Tha Coinneach ’us Anna pòsda, le ’n teaghlach greadhnach m’ an ghealbhan, ’s iad gu math air an doigh ALBANNACH. NAIGHEACHDAN. Tha sinn duilich nach eil a chuibhrionn abhaisteach de’n sgeul thaitneach, “Mar a Rinn mi m’ Fhortan” againn d’ar leughadairean air an t-seachdain so. Tha dòchas againn i bha ann an àireamh na seachdain s’a tighinn. Rinneadh gniomh uamhasach le tuathanach ann an Cuebec. Mhaoidh e a bhean ’sa theaghlach a mharbhadh, agus chuir e mach as an tigh iad ’nan aodach-oidhche. An sin chuir e leanabh, aois aona mios deug, do’n teine, agus an deigh sin thilg e mach do’n t-sneachda e. Fhuair am pàisde bàs. Cha’n eil teagamh nach robh an duine as a rian. Tha cuideachd Shasunnach air dòigh fhaotainn air fiodh chumail o losgadh, agus tha bàta ùr ri bhi air a thogail do ’n bhanrigh’nn anns nach bi bior fiodha ris an gabh teine cur. Tha am fiodh so ri bhi air a chur am feum ann an togail shoithichean, agus ma tha e cho math ’sa tha’n t-ainm ni e beatha dhaoine moran na’s tearuinte na bha i roimhe so. Fhuair Mairi Nic Neill, a tha cumail sgoile aig Acarsaid Chloinn Fhionghain, coig cheud dolair o’n àrd-riaghladh mar dhuais air son i chur fios gu fear-coimhid an rathaid-iaruinn mu phàirt dhe’n rathad a bha air a thoirt air falbh leis an aiteamh. Chuir i brath ga fear de na daoine bha ’g obair air an rathad an àm ’s gu’n d’ fhuaireadh a chàradh mu’n d’ thainig an carbad. Tha aon de phaipearan a bhaile so, a reir coltais, air son e-fhéin a dheanamh ainmeil mar fhear-casaid an lagha sin ris an abrar an “Scott Act.” A reir a bharail-san tha an t-achd cearbach, agus air bheag feuma, agus mar is luaithe gheibhear cuibhteas e ’s ann a’s fhearr. Cha ’n fhoghainn leis a bharail innse aon uair no da uair; feumaidh e bhi ’ga sheirm gach uair ach gann a thig e mach, agus cha’n e sin a mhain, ach a bhi feuchainn ri chur an ceill nach eil iadsan a tha ’g obrachadh an lagha ’ga dheanamh gu h-onarach. Faodaidh e bhith gu bheil an lagh cearbach, ’s nach eil e cho math ’sa dh’fhaodadh e bhith, ach se an aon lagh a th’ againn an so a thaobh creic stuth làidir, agus cearbach ’s mar a tha e b’ fhearr do luchd nam paipearan-naigheachd ’s do dhaoine eile tha gabhail orra fhein a bhi iarratach air math a bhaile agus an t-sluaigh, seasamh air taobh an lagha; mur urrainn daibh labhairt gu math uime na biodh iad a labhairt gu h-olc uime, oir le bhi labhairt gu tàireil mu’n lagh tha iad a misneachadh agus a neartachadh luchd-bristidh an lagha. Tha sinn a leughadh gu’n d’ thugadh, re nan tri miosan a chaidh seachad, fiach tri mile deug dolair de dh’òr á aon mheinn ann an Nobha Scotia, fiach tri mile gu leth á mèinn eile ann an aon mhios, agus fiach seachd mile á mèinn eile anns an uine cheudna. Tha àireamh mhath de dhaoine beairteach ann am baile New York air am bheil daoine anns gach cearna eòlach a bhi cluinntinn, ach tha moran eile ann air nach bithear ach gann a cluinntinn iomraidh idir. Tha, anns a bhaile mhor sin, còrr us còig ceud duine aig am bheil fiach muillein dolair am fear de chuid an t-saoghail so. Duine aig nach eil ach muillein no dha cha chluinnear cha mhor guth air a mach as a bhaile. Tha priomhair New Brunswick an deigh bill a thoirt air beulaobh na pàrlamaid, a tha nochdadh gu’m biodh e toileach comas bhòtaidh a bhuileachadh air mnathan na roinne sin. Cha’n eil teagamh nach bi an t-sochair sin air a mealtuinn leis na mhathan anns gach roinn air Canada mu’n teid moran bhliadhnaichean seachad. Cha’n eil fhios car son nach bitheadh; tha iad a cheart cho tuigseach air dòighean-riaghlaidh ris na fir. Tha Seanadh nan Stàitean air a dheanamh suas de bhuill a tha air an taghadh le pàrlamaidean nan Stàitean; tha gach stàit a cur da bhall do’n t-Seanadh, ach an àite iad sin a bhi air an taghadh leis an t-sluagh, tha iad air an taghadh le buill nam pàrlamaidean. Tha pàrlamaid Pennsylvania o chionn àireamh mhiosan a feuchainn ri duine thaghadh air son an t-Seanaidh, agus tha ’n gnothuch air tur-fhairleachadh orra. Cha’n urrainnear bhòtaichean gu leòr fhaotainn do fhear sam bith, a dh’ aindeoin cho tric ’s gu’m feuch iad. Tha càs Dreyfuis air beulaobh na cùirte ann am Paris fhathast; tha e tarruinn ùine, ach tha e fàs na’s coltaiche gach latha gu bheil an t-Iudhach bochd ri bhi air a shaoradh. Tha e soilleir do na h-uile gu robh iadsan a bha ann an ùghdaras aig an àm suidhichte air an dhiteadh ged nach robh dearbhadh sam bith aca gu robh e ciontach de na bhatar a’ cur as a leith, ’se sin a bhi toirt fiosrachaidh a thaobh gnothuichean diomhair na Frainge do na Gearmailtich. Tha e cheart cho soilleir nach robh an riaghladh an uiridh no am bliadhna air son ceartas a thoirt dha, ach ged nach robh cha b’ urrainn dhaibh a dhiùltadh. Cha ’n eil ceartas cho furasda dheanamh am measg nam Frangach ’sa tha e anns na Impireachd Bhreatunnach, ach ged nach eil, agus ged a tha moran de na daoine ’s àirde dreuchd anns an Fhraing an aghaidh Dhreyfuis, tha e fas coltach nach teid leotha, agus gu faigh ceartas an lamh an uachdar a dh’aindeoin na’s urrainn daibh a dheanamh. IADSAN A’ PHAIGH. Padruig Mac-an-t-Saoir, Presque Isle, Ont. Domhnull Johnston, Park Hill, Ont. Bean R. Ross. Warina, Ont. Uisdean Mac Fhionghain, Crawford, Ont. W. R. Mac Rath, Kingston, Ont. Antoni Buchanan, na h-Eileanan Coille, E.P.I. Aonghas Mac Neacail, Elliot’s P. O., E.P.I. Aonghas Mac-a-Phearsain, Blackstone, N.S. Andra MacFhionghain, Pleasant Valley, N.S. D. Moireaston, Halifax, N.S. Aonghas E. Moireastan, Marsboro Quebec. Iain Graham, Lingwick, Quebec. Seumas T. Mitchell, Montreal, Quebec. Niall Mac-a-Phi, Govan, Glascho, Alba. Mor Nic-a Bhiocair, Ware, Mass. Uisdean Mac-a-Phearsain, Port Hill, Idaho. A. Domhnullach, Newton Centre, Mass. I. D. Mac Pharlain, Knappa, Oregon. Aonghas Domhnullach, Ingonish. An t-Urr. A. M. O’Handley, River Bourgeois Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Chuir duine ann an Gaspé, an Cuebec, aodach boirionnaich uime, agns dh’ fhalbh e choimhead air na coimhearsnaich. Chaidh e stigh do aon tigh anns an robh duine leth-chiallach a fuireach leis fhéin. Ghabh an duine sin eagal, agus thug e sàs le tuaigh anns an fhear a thainig a stigh, ’ga leth mharbhadh. Cha’n fheil fhios fhathast an teid e am feobhas. Thatar a dol a thoirt ian-seilg ùr do Nobha Scotia, easag, (pheasant) a tha gu nàdurra ann am Mongolia, an Asia, agus a tha gle fhreagarrach air son na dùthcha so. Thatar ag radh gu bheil e pailt cho cruadalach ris a chreic-thomain, agus fad air thoiseach oirre a thaobh sithne. Tha àireamh bheag de na h-eòin air an toirt do’n dùthaich cheana le duin’-uasal ann a Halifacs. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 302] [Vol. 7. No. 38. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 299.) Cho luath ’s a phosas mi nighean an ard-chomhairlich, ceannaichidh mi deichnear chaillteanach oga cho maiseach ’s a bhios ri fhaotainn. Cuiridh mi eideadh orm fhein mar gu’m biodh air prionnsa. Agus bidh mi marcachd air feadh a’ bhaile air each briagha air am bi diollaid oir air a deanamh maiseach le daoimein, agus bidh seirbhisich a’ falbh romham ’s ’nam dheigh. Theid mi gu luchairt an ard-chomhairlich ann an sealladh an t-sluaigh gu leir, agus nochdaidh iad gu’m bheil meas mor aca orm. An uair a thig mi air lar aig bonn na staidhreach, theid mi suas ceum air cheum, agus mo sheirbhisich fhein ’nan sreith air gach taobh dhiom. Agus gabhaidh an t-ard-chomhairleach rium gu caoimhneil mar a mhac, agus an uair a bheir e dhomh a lamh dheas ’s a chuireas e mi ’nam shuidhe ann an aite a’s airde nan t-aite am bi e fhein, cuiridh e an tuilleadh urraim orm. Ma thachras so, mar a tha dochas agam gu’n thachair, bidh sporran am fear aig dithis dhe m’ sheirbhisich anns am bi mile bonn oir, a bhios iad a’ giulan an uair a theid iad comhladh rium. Bheir mi fear dhe na sporrain do ’n ard-chomhairleach, agus their mi ris, “Sin agad am mile bonn oir a gheall mise ’thoirt dhut an oidhche an deigh dhomh posadh.” Agus tairgidh mi dha an sporran eile, agus their mi ris, “So agad uiread eile, gus a leigeadh fhaicinn dhut gur duine mi a chumas ri fhacal, agus eadhoin a bheir barrachd seachad air na gheallas mi.” An deigh dhomh a leithid so de ghniomh a dheanamh, bidh an saoghal gu leir a’ bruidhinn air cho fialaidh ’s a tha mi. Tillidh mi air ais do mo thaigh fhein leis a’ cheart ghreadhnachas anns an d’ fhalbh mi. Cuiridh mo bhean teachdaire a thoirt cliu dhomh a chionn gu’n deachaidh mi ’thaghal air a h-athair. Bheir mi urram do ’n teachdaire le deise ro riomhach a thoirt dha, agus cuiridh mi air ais e le tiodhlac luachmhor. Ma smaoinicheas i air tiodhlac a chur g’ am ionnsuidh, cha ghabh mi e, ach cuiridh mi air falbh an teachdaire a chuireas i leis. Cha leig mi leatha dhol am mach as an t-seomar air chor sam bith gun chead iarraidh orm. Agus an uair a bhios toil agam a dhol do ’n t-seomar aice, theid mi ann air dhoigh a bheir oirre gu’m bi meas aice orm. A dh’ aon fhacal, cha bhi taigh sam bith air a chumail an ordugh cho math ri mo thaigh-sa. Bidh eideadh riomhach orm an comhnuidh. An uair a theid mi do ’n t-seomar anns an fheasgar comhladh ri m’ mhnaoi, suidhidh mi fada uaipe. Leigidh mi orm gu bheil gruaim orm agus cha ghluais mi mo cheann a null no ’nall. Cha dean mi ach beagan comhraidh rithe. Agus an uair a sheasas mo bhean ’nam lathair, agus i cho maiseach ris a’ ghealaich ’na h-airde, cha leig mi orm gu’m bi mi ’g a faicinn. Their na mnathan coimhideachd rium, “Ar tighearn’ agus ar maighstir gaoil, so agad do bhean, ghradhach, umhail, ’nad lathair, agus i deas gus briodal a dheanamh riut; agus tha i fo dhoilghios a chionn nach fhiach leat amharc oirre; tha i air fas sgith ’na seasamh cho fad; abair rithe, i dheanamh suidhe. Cha leig mi orm gu’n cluinn mi na briathran so, agus gabhaidh iad ioghnadh is duilichinn gu leor. Leigidh iad iad-fhein ’nan sineadh aig mo chasan, agus an uair a bhios iad greis mhath a’ feuchainn ri impidh a chur orm, togaidh mi mo cheann, agus seallaidh mi oirre mar gu’m bithinn coma dhi, agus an sin seallaidh mi taobh eile. Saoilidh iad nach ’eil mo bhean ann an eideadh riomhach gu leor, agus bheir iad do ’n t-seomar i, agus cuiridh iad trusgan eile uimpe. Aig a cheart am cuiridh mise umam deise a’s roimhaiche na’n deise a bha umam roimhe. Thig iad air an ais, agus bruidhnidh iad rium mar a bhruidhinn iad roimhe, ach bheir mise mo cheart aire nach seall mi air mo mhnaoi gus am bi iad uine mhath a’ guidhe gu durachdach orm aon sealladh caoimhneil a thoirt oirre. So mar a bhios mi ’deanamh an latha ’phosas mi, a chum gu’n tuig mo bhean ciod a tha feitheamh oirre a h-uile latha ri’ beo. An uair a bhios am posadh seachad, bheir mi a laimh fir dhe mo sheirbhisich, sporran anns am bi coig ceud bonn oir, a bheir mi do na mnathan-coimhideachd, a chum gu’m fag iad mi-fhein ’s mo bhean ’nar n-onar. An uair a dh’ fhalbhas iad, theid mo bhean an toisich do ’n leabaidh; an sin theid mise do ’n leabaidh, agus bheir mi an aire mhath gu’m bi mo chulaobh rithe, agus nach abair mi aon fhacal rithe fad na h-oidhche. Air an ath mhadainn cha n’ eil teagamh nach innis i dha ’mathair gu’n robh mi suarach m’ a deidhinn, agus gu’m bheil mi tuilleadh is mor asam fhein. Agus bheir so mor-thoileachadh dhomhsa. Thig am mathair far am bi mi, agus an uair a phogas i mo lamhan, their i rium, “A thighearna, tha mi guidhe ort nach bi thu na ’s fhaide a’ deanamh tair air mo nighinn, agus ’ga cur air chul. Theid mi am bannadh dhut gu’m bheil gaol mor aice ort, agus gur e bhith ’gad thoileachadh an aon obair a’s tlachdmhoire leatha a th’ air an t-saoghal.” Ach a dh’ aindeoin na their mo mhathair-cheile rium, cha ’n abair mi aon fhacal rithe, agus bi coltas gruamach orm. An sin tilgidh i i-fhein aig mo chasan, agus an uair a phogas i uair is uair iad, their i, “A thighearna, am bheil e comasach gu’m biodh droch bharail agad air mo nighinn? Tha mi ’toirt m’ fhacail dhut nach do leig mi riamh as mo shealladh i. Is tu fhein a’ cheud fhear riamh a chunnaic sealladh dhe ’gnuis. Na bi bristeadh a cridhe cho mor. Dean a dh’ fhabhar rithe, gu’n amhairc thu oirre ’s gu’m bruidhinn thu rithe; agus thoir misneach dhi o’n a tha toil aice do riarachadh anns gach ni.” Ach cha bhi feum sam bith ’na cuid bruidhne. An sin lionaidh i glaine le fion, agus an uair a chuireas i ann an laimh mo mhna i, their i rithe, “Thoir dha a’ ghlaine fhiona sin; is docha nach bi e cho cruaidh-chridheach ’s gu’n diult e as do laimh i.” Thig mo bhean far am bheil mi ’s i air chrith, agus a’ ghlaine fhiona ’na laimh; agus an uair a chi i nach fhiach leam amharc oirre, agus gu’m bheil a’ choltas orm a bhith gle shuarach m’a deidhinn, their i rium, agus i gu frasach a’ sileadh nan deur, “A shaoidh mo chridhe, a tha dhomh mar m’ anam, mo thighearna ro thlachmhor, tha mi ’guidhe ort air sgath gach fabhar a tha neamh a’ buileachadh ort, gu ’n gabh thu a’ ghlaine fhiona so a laimh do bhan-oglaich iriosail.” Ach cha leig mi orm gu’m bi mi ’ga faicinn, agus cha mho a fhreagras mi i. “Mo cheile ro thlachdmhor,” their ise, agus i ’sileadh nan deur gu bras, am feadh ’s a tha i ’cur na glaine thun mo bheoil, “cha ’n fhag mi gu brath thu gus an toir mi ort ’ol.” “An sin an uair a bhios mi air fas sgith dhe cuid bruidhne, seallaidh mi oirre le gruaim eagalaich; buailidh mi deadh bhuille oirre anns an leith-cheann; agus bheir mi upag dhi le mo chois a thilgeas gu taobh eile an taighe i.” Bha mo bhrathair air a lionadh cho lan leis na smaointeanan gun chiall so ’s gu’n robh e ’n duil gu’n robh nighean an ard-chomhairlich air a bheulaobh. Thog e ’chas gus upag a thoirt dhi, agus, thilig e a’ bhascaid anns an robh na glaineachan car ma char air an t-sraid, agus chaidh iad ’nam mile bloigh air a bheulaobh. (Ri leantuinn.) C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 303] [Vol. 7. No. 38. p. 7] AN DA DHEALBH. Bha duine ainmeil ann roimhe so da ’n robh mar dhreuchd a bhi ’tarruing dhealbhan, agus bha deidh mhor aige dealbh shonraicht’ a tharruing, a leigeadh ris NEOCHIONTAS; agus a chum so, ghabh e dealbh leinibh oig air a ghlunaibh ri urnuigh. Bha’n leanabh beag so air a ghlunaibh ri taobh a mhathar’ a bha ’beachdachadh air le caomhalachd a’s baigh mhoir. Bha a lamhan beaga paisgte air an togail a suas—bha neul ruiteach na slainte ’na ghruaidhean—a shuil bhoidheach ghorm ag amharc gu neamh, lan de shith agus de chrabhachd. Bha’n dealbh anabarrach taitneach, agus bha ’n duine ainmeil a tharruing i bosdail aisde. Bhuilich e moran saothrach air an dealbh so. Cha reiceadh e i, ’s cha dealaicheadh e rithe. Chroch e i ’na sheomar, agus sgriobh e os a cionn, NEOCHIONTAS. Chaidh bladhn’ a’s bliadhna seachad, agus dh’fhas an dealbhadair na sheann duine; ach bha’n dealbh so, NEOCHIONTAS, ’na ’h-aite fein, crochta suas ’na sheomar. Bha e gu tric a’ cuir roimhe dealbh eile a tharruing, a’ leigeil ris CIONTA, no EASAONTAS; ach dh’ fhairlich air neach air bith fhaotuinn a bha na shamhladh freagarrach air EASONTAS, gus mu dheireadh na thuit dha dol a staigh do phriosan mor a bha ’san aite. Air urlar fuar cloiche a’ phriosan sin bha duine truagh da’m b’ainm Randol—a chasan sa’ cheap, agus slabhruidhean iaruinn ’ga cheangal ris an urlar. Bha e air a chaitheamh gu neoni ’na chorp—a chnamhan mar gum b’ann a’ tighinn troimh ’chraicionn, a bha co geal ris a bhas. Bha buaireas, a’s ciont, a’s uamhas, a’s eagal air an deargadh, mar gum b’ ann le iaruinn dearg, air clar ’aodainn. Bha amhghair throm air a thaisbeanadh le colg buaireasach a shul, agus bha ’chainnt eagalach a labhair e lan de thoibheum ’s de mhallachadh uamhasach. “So,” ars an dealbhadair, “EASAONTAS—so esan air an robh mi an toir. Tarruingidh mi dealbh an duine thruaigh so.” Rinn e sin. Tharruing e a dhealbh, agus thug e dhachaidh i. Chroch e suas i taobh na te eile—NEOCHIONTAS a’s EASAONTAS, taobh ri taobh. Ach co e Rupert og, samhladh NEOCHIONTAS, a bha air a ghlunaibh taobh a mhathar—a lamhan ’sa shuilean og air an togail gu neamh? Agus co e an seann duine truagh Randol, a bha na phriosanach—na shamhladh fior fhreagarrach air CIONT a’s EASONTAS—esan a bha air an urlar fhuar, ri toibheum a’s mallachadh? Gu truagh, gu truagh, mo chreach! ge h-eagalach ri innseadh e, b’e Rupert og neochiontach, seann Randol truagh, ciontach! B’ann o’n aon fhear a tharruingeadh an da dhealbh. Dh’fhas Rupert og aillidh a suas gu bhi na oganach eireachdail; ach dhi-chuimhnich e Dia. Chaidh e air seachran o ’dhleasnas—thathaich e droch cuideachd, a’s lean e droch companaich. Ceum air cheum chaidh e air seachran o Dhia, gus fadheoidh na chinn e comharraicht airson aingidheachd a’s giulan peacach. A’ mhala sin air an robh aon uair sith agus solas, ri uine dhorchaich i le ciont agus naire; agus an cridhe sin a bha na aite-taimh aig sonas agus oig solas, chinn e na dhachaidh do thruaighe agus do dh’oillt! Athairichean, innsibh do ’ur cloinn—a mhathairichean, innsibh so do ’ur muinntir oig—chum gum faic iad gu trath cia eagalach oillteil an ni peacadh, agus cia cealgach truaillidh cridhe mhic an duine; mar a tha e mar fhiachaibh air gach aon gluasad gu h-iriosal maille ri Dia, a’ togail suas urnuigh Dhaibhidh (Salm xvii. 8)—“Gleidh mi mar chloich na sula; fuidh sgaile do sgiathan foluich mi.” DO BHIADH. Do Neart—Ma bhios e air a dheagh chnamh. Mur eil do stamag a deanamh a h-obair, feuch K. D. C. Cha ’n eil duine air am bheil Cion-cnamhaidh a cur dragh nach cuidich e—do nach toir e slainte agus comhfhurtachd. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son a chuim. Leighsidh iad Teanntachd, ma ghabhar iad maille ri K. D. C. AIR AN SAR MHOLADH. Sampuill de K. D. C. ’s K. D. C. Pills a Nasguidh. K. D. C. Company, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston, Mass. Am Feillire. APRIL, 1899. 1 Di-satharna Là na gogaireachd. 2 DI-DONAICH Di-donaich Càisg. 3 Di-luain Binn Chlann Ghriogair, 1603 4 Di-mairt Bàs Righ Raibeart III, 1406. 5 Di-ciaduin Faotainn a mach Chanada, 1497. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine 8 Di-satharna Breith Iain Loudoin, 1783. 9 DI-DONAICH Di-donaich Mion-chàisg. 10 Di-luain 11 Di-mairt Bàs Iain Ghalt, 1839. 12 Di-ciaduin Bàs Dheòrsa Cheyne, 1743. 13 Dior-daoin Breith Raibeart Heron, 1807. 14 Di-haoine 15 Di-satharna Bàs Alasdair Gharden, 1791. 16 DI-DONAICH II. Donaich an déigh Càisge. 17 Di-luain An Fhéill Dhonnain. 18 Di-mairt An Fhéill Mholio. 19 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart II., 1390. 20 Dior-daoin 21 Di-haoine Coinneamh Ghlinn’-Eilge, 1653. 22 Di-satharna 23 DI-DONAICH III. Donaich an déigh Càisge. 24 Di-luain Ardsgoil Dhuneideann, 1582. 25 Di-mairt Crunadh Caluim “Ceannmòr” 1057. 26 Di-ciaduin 27 Dior-daoin Blar Dhunbar, 1296. 28 Di-haoine 29 Di-satharna 30 DI-DONAICH Blar Fhontenoi, 1745. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 7, M. 42 M An Solus Ur, L. 10, U. 2, M. 7 M A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 6, M. 29 F An Solus Lan, L. 25, U. 3, M. 8 F UISDEAN ROS, LL. B. Fear-Tagraidh, Notair, &c. Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 304] [Vol. 7. No. 38. p. 8] O MHURCHADH CAM. FHIR-DEASACHAIDH CHAOIMH,—Tha mi air son taing a thoirt do ’n duine chòir a tha ’g innse dhuinn mar a rinn e fhortain, airson an da oran a chual e aig a bhanais. Ma dh’ innseas mi ’n fhirinn, (’s tha fios gu ’n innis), bha mi uair dheth mo shaoghal nach sorainn an dolar orra. Nise, on a bha meas aig “Cona” air na criomagan a bha mi cur do ’r n-ionnsuidh, bheir mi dhuibh an t-òran a leanas. Rinneadh e le Ieremiah Stout, Bathurst, N. B.; agus ged is ann ’sa Bheurla bha e, tha e freagairt cho math dha mo chor fhein ’s gun d’ thug mi do dh’ Aonghas coir e gu chur ’sa Ghailig bhlasda. Tha mi ga chur da ’r n-ionnsuidh ’sa Bheurla, ’s chi sibh fein gur math a dh’ fhag a lamh, ’sa lochdair e, ged nach d’ fhuair e duais airson Triubhas an Fhir-dheasachaidh. Is doch’ nach bi fada gus an cuir mi criomag eile do ’r n-ionnsuidh. Tha ’n t-side gle bhriagha againn an drasda; ’s biadh dhaoine ’s spreidhe pailt. Slan leibh an traths’. MURCHADH CAM. EILEAN SGIAMHACH ALBA. (Fair Island of Scotland) Soiridh bhuam do thir m’ oige, Eilean boidheach mo ghraidh; Fad as o do Mhorbheann Thig dhomhsa bhi tamh. Do ghorm-lus ’s do ghigan Cha chinn dhomh ni’s mò, On shiubhail mi bhuat Eilean uasail ri m’ bheò. Do chòis domhain, fàsail, Is d’ ard chreagan glas; Bi gathan na gréine Cluich eibhinn is bras, ’Seinn morachd do nadair, Is ailleachd do dhealbh; ’S tu dachaidh eoin-mhara, ’N tigh falaich ’sa sealbh. Thig m’ osna le smuain air Gach cluain is bad chraobh, ’S na chluich is na bhuaireadh Chiad uair mi le gaol. Le oigridh ri cluaineis, Gun bhuaireas, gun ghò; Ach rinn mi uat triall Eilean sgiamhaich, ri m’ bheò. A ghlinn ’sa chnuic arda Fo bhlàth lurach, grinn; ’S mar airgead a dearrsadh, Uillt aillidh ’s na glinn. ’N t-uchd phlosgadh an geall Air bhi thall leibh car ùin’, ’N tir choill’ tha e searg Fad’ o Alba mo rùin. Tha tolman beag uaine Dluth fuaighte ri m’ chrìdh’, ’San deachaidh mo phàrantan ’Charadh an sìth Air cnocan fo ’n eaglais Shuas beagan o’n tràigh ’Sam bi tuinn chair-gheal Neptune Mu ’chreagan ri gàir’. ’S tric sheol mi am fhaoin-aisling Aotrom thar chuain, ’S mu ’n lic tha leam priseil Chrom mi iomadh uair Gu dian a cur seilich A ghuileadh mu ’n uaigh; Ach dhuisginn ro ’n ghrein Gu bhi ’n cein fada bhuat. O, Eilean ro sgiamhach, Is ciatach leam t-ainm; Tha ’n cridh’ bha cho blath riut Gu faillneachadh orm; ’S gu duslach mi cnamh Fad o d’ ard bheannaibh gorm, Leat beannachd gu brath Eilean aghmhor na h-Alb’. —Ead. le AONGHAS MAC LAOMUINN. MU GHRADH CRIOSDAIL. ’S i so m’ aithne, gu’n gradhaich sibh a cheile, mar ghradhaich mise sibhse.—Eoin xv. 15. Feudar choillion seorsa Chriosdui’ean de gach ainm a tha iad ag aidmheil, agus d’a bheil Eagluis Chriosd air a deanamh suas, a choimeas ri bogha-frois, ged a tha e air a dheanamh suas le co liugha dath, gidheadh tha iad co’-fhreagradh le cheile chum aon bho ha ard, neamhuidh, lan de ailleachd a dheanamh; no feudar an coimeas ri buidheann de luchd ciuil air an deagh theagasg, ged a tha inneil fa leith aig gach aon diubh, tha iad le cheile a’ togail suas an aon cho’-sheirm bhinn cheolmhoir. Ge b’e eadar-dhealachadh a tha a’ measg Chriosdui’ean ann am modh an aoruidh, agus ann an nithibh faoine o’n leth a muigh, gidheadh ’s e’n aon dochas a th’ ac’ air fad, agus an aon ni mor a tha ’nam beachd. Bu choir dha so an cridheachan a dhluthachadh ri cheile ann am bannaibh graidh, agus an aomadh gu speis a bhi aca do chach a cheile. Cha ’n ’eil e iomchuidh gum biodh fuath no falachd aca ri cheile; tha tuille sa choir dheth so air aghaidh an t-saoghal, agus an dolaidh a tha e a’ deanamh. ’Nuair bha eagluis Chriosd na h-oige, thugadh fainear an gradh mor a bh’aca da cheile. Gu ma h-e so a bhios air a radh umainne, chum ’s an uair a thig ar Tighearna an dara uair, gum faigh e sinne a toirt umhlachd da aithne fein. “Sinn a ghradhachadh a cheile!” RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. [TD 305] [Vol. 7. No. 39. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 28, 1899. No. 39. LITIR A THORBURN. A CHARAID IONMHUINN,—’S ioma rud iongantach air an t-saoghal. Tha bard ann an Thorburn. Shaoileadh duine nach ’eil moran bardachd ri dheanamh an Thorburn; ach tha mi smaointinn gu’n teid solus na bardachd, mar dhuthchas eile, cha ’n ann a mhàin an aghaidh nan creag ach sios do shloc meinn guail fhein. ’Se ’m bard so Somhairle Beutan. Cha b’ ard ’s cha b’iosal athair tha mi creidsinn, ach tha Somhairle, gu’m bheachd-sa, ’na dheadh bhard agus na fhear cuideachd cho math ’s a ’s aithne dhomh. ’S ioma treis de dh’ oidhche thoilichte ’chuir mi seachad comhla ris. Mo bheannachd aige. Rugadh Somhairle anns an Eilean Sgiathanach ’s a bhliadhna 1834,—da latha roimh ’Ill-Padruig. An aois a dheich bliadhna thainnig e comhla ri pharantan gu Hogomah. Phos e ’s a bhliadhna 1859. Cha b’ i buileach Caitriana Bhàn a phos e, ach Caitriana Bain a mhuinntir a Bhras d’Or Mhoir. Bha triuir chloinne aice bh’ uaithe. Dh’ eug i an Sydney Mines ann an 1866. Rinn e ’n darna posadh ann an 1869 ri Anna, nighean Iain Ic Leoid,—nighean brathar de Chalum Ruadh,—aig braighe na Aibhne Rosaich. Tha i so beo fhathast agus gu toilicht’ ann an Thorburn. Agus gu mu fada mar sin i. Bha Somhairle treis bhliadhnaichean a’ fuireach ann am Broad Cove. Tha mi ’cur ugaibh an diugh dithis de dh’ oranan Shomhairle. Ma chordas iad ribh cha’n ’eil fhios ’m nach cuir mi fear no dha eile dhiu ugaibh. Tha mi ’creidsinn nach ’eil fios aig moran ann an Ceap Breatuinn gu ’m bheil boirionnach ann an New Glasgow a b’ i an treas urra ’bh’ aig a mathair anns an aon àm. Mata, tha daoine firinneach ag innse dhomh gu’m bheil a leithid ann gun teagamh agus gu’m bheil té eile dhe’n t-seorsa mu thri mile á Thorburn, air an rathad gu Blue Mountain. Tha ’n té so dh’ ainmich mi fa dheireadh ’na seann bhoirionnach a nis. Ma bhios mi fhìn ’s i-fhèin beo tri miosan eile, theid mi ’g a coimhead. Cha ’n ’eil trìuir chloinne a bhi aig bean air an aon turas idir cumanta. ’S aithne dhomh té aig an robh dithis ceithir tursan, ach cha robh triuir aice riabh agus tha mi creidsinn nach bi. ’S ioma té ’bhiodh toilichte le aon duine fhéin. Ann an Little Harbor, mu sheachd mile an eara-dheas air baile Phictou, bha, bho chionn treis bhliadhnaichean, coignear chloinn aig boirionnach anns an aon oidhche. Thainig am boirionnach dheth, ach dh’eug na leanaban uile an oidhche sin fhein. Bha athair ’s mathair nan leanaban fior bhochd agus cha robh taigh na b’ fhaisge na teann air mile dhaibh. Bha aodach oidhche fior ghann orra agus bha ’n oidhche air an d rugadh a chlann uamhasach fuar. Mur a bhi sin tha iad ag radh nach tigeadh dad riu. Theirg Barnum suim mhòr air na cuirp bheaga, ach cha d’ thugadh na parantan da iad air chumhantan ’s am bith. Am bheil fios agaibhse, ’dhuine, gu ’m bheil fear agaibh shios ’an Ceap Breatuinn a chunnaic na seachd linntean? Cha’n ’eil so na ni cumanta, ach tha e fior gu leor. ’S e ’n duine sin Eoghann Gillios—Eoghan Mac Aonais Ic Eoghainn,—seann duine gasda, fiosrach, a tha ann an cothram math aig braighe Abhuinn Mhargaree. ’Se coimhearsnach ’s fear-cinich dha a th’ ann an Calum Eoghainn a rinn, bho chionn beagan bhliadhnaichean, oran do “Chnoic is Glinn a Bhraighe” agus a rinn roimh sin, agus bh’ uaithe sin, ioma duanag bhinn eile. Bha Eoghann Mac Aonais Ic Eoghainn de dhaoine fior thalanntach. Bu bhrathair da Martuinn Gillios do ’n d’ thug Calum Mac Illeulain an t-urram dhe dh’ an d’ thug e leasan riabh. Agus cha robh nadur a bhrosgail ann an Calum. Bha mac cuideachd aig Eoghann, Aonghas, aig an robh talanntan somhraichte. Bha e na ard sgoilear agus gun e fhathast ach ’na bhrogach og. Thug Dia leis Martuinn agus Aonghas gu dachaidh agus sgoilearachd a b’ fhearr na th’ air an t-saoghal so. Bha Eoghann e-fhein, gu ’m bharailse, cho math talannta, ged a’s mòr am facal e, ri gin a thainig riabh air a chinneadh. Bha, agus tha, tùr agus tuigse fa leth aige. Bheir mi aon dearbhadh air an sin. Cha robh an duine latha ann an colaisde riabh. Na fhuair e de chothram sgoile ’s e na fhuair e fad beagan mhiosan ann an taigh beag logaichean air Abhuinn Mhargaree o chionn tri fichead bliadhna ’s a deich. ’S e ’n seann system a bh’ ann d’ ar righibh. Ach, bithinn oidhche ’n a chuideachd, agus, ged a bha mi-fhìn naoidh bliadhn’ ann an colaisde, cha chuirinn teagamh nach robh an duine cunntas bhliadhnaichean fo ard luchd teagaisg. Ach tha mi air dol bharr mo naigheachd.—’S iad so na linntean a chunnaic Eoghann Mac Aonais Ic-Eoghainn: 1.—Domhnull Mac Illeain aig Long Point, an Sorrachd Inbhernis, an Ceap Breatuinn. B’e so seanair Eoghainn fhein. 2.—Mairi a nighean, a phos Domhnull Mac Leoid aig Acarsaid Antigonish. 3.—Iain Mac Leoid, a mac. 4.—Mairi nighean Iain Ic Leoid so, a phos Iain Eachuinn. 5.—Nighean Iain Eachuinn (Dhomhnullaich) so, a tha posd’ aig Iain Dhonnachaidh Ic-Leoid ann am Broad Cove, an Ceap Breatuinn. 6.—Nighean Iain Dhonnachaidh, a tha posd’ aig Iain Domhnullach, mac Ruairidh Sheumais, am Broad Cove. 7.—Leanabh na caraid so. Chunnaic Eoghann le shuilean fhein na seachd linntean so. Cha’n ’eil duil aige an t ochdamh linn fhaicinn ’s a bheatha so. Ma ghabhas e mo chomhairle-se, uime sin, seinnidh e na briathran aig Simeon, an duine “ceart agus crabhach,”—(Luc II, 29-32.).—“Tha thu nis, a Thighearna, a’ leigeil air falbh do sheirbhisich ann an sith a reir d’ fhacail, etc.,” agus bidh e guidhe gu’m faic e na seachd linntean so, agus mise comhla riu, ann am Flathanas. Is mise, an nise ’s an rithist, Ur caraide, TOM ONARACH. AIR CHUAIRT ’SA GHAIDHEALTACHD. An Dara Earann. LE UILLEAM MAC COINNICH. AN SEANN CHEILIDH. Bhiodh mòran sgéulachdan dhe ’n t-seòrsa so ri an innseadh ’nuair bhiodh muinntir air chéilidh. Bhiodh sgeulachdan is dàin na Féinne lìonmhor, is an uair a sguireadh na seann daoine do bhi ag aithris air cliu is air tréubhantas ar sinnsir, thogadh an òigridh òrain bhinn bhlasda, mhilis, agus mar so reachadh an oidhche fhada Gheamhraidh a chuir seachad gu cridheil sunndach. ’Si mo bharail fhein nach b’urrainn doibh a bhi an sgoil-oidhche na b’fhearr na ’bhi aig seann chéilidh Gàidhealach. Tha an Doctor Stiùbhart a sgriobh cunntas air sgìre Strath-Lachainn còrr is ciad bliadhna roimhe so ag innseadh mu’n t-seann chéilidh an Còmhail. Bhiodh iomradh air euchdan nan gaisgeach a dh’ fhalbh is air cruadalas a’ Ghaidheil air fad. Bha so a’ teagasg do’n òigridh gu’m bu chòir dhoibh deanamh mar rinn an sinnsear. “Lean gu dlùth ri cliù do Shinnsir, is na diobair a bhi mar iadsan.” Na’n deanadh duine gnothach maslach, a bhiodh mi-airidh air a’ mhuinntir bho’n tainig e—gnothuch nach bu dual d’a sheòrsa a dheanamh—theirte ris—“Nach tu a chaidh an aghaidh a’ chuilg?” Thàinig caochladh air Còmhail ri linn an Stiùbhairtich, agus tha e ag innseadh dhuinn gu’n tainig Goill is caoraich mhòra an àite nan daoine a bha ’cumail suas cliù an sinnsir. ’Nuair a choinnicheadh na fir ud cha b’ ann mu na làithran a dh’aom a bhiodh an còmhradh. Bha an inntinn air togail mheanbhchruidh, ’s air prisean nam mult ’s na clòimhe. Tha Ailean Dall a’ toirt cunntas de’n aon seòrsa mu’n taobh tuath, ann an “Oran nan Ciobairean.” So agaibh da rann deth:— Cha’n ’eil àbhachd feadh nam beann Chaidh giomanaich teann fo smachd, Tha fear cròice air chall Chaidh gach eilid is mang as; Cha’n fhaighear ruadh-bhoc nan allt Le cù seang ga chur gu srath, An éirig gach cùis a bh’ann Feadaireachd nan Gall ’s gach glaic. Eiridh iad moch latha Sàbaid ’S tachraidh iad ri cach-a’-chéil’, ’S ’nuair a shineas iad air stòraidh ’S ann ’th’ an còmhradh ’tigh’nn air féur; Gach fear a’ faoighneachd ri ’nàbuidh “Ciamar sin a dh’fhàg thu’n tréud? Ciod i phris a rinn na muilt? No ’n do chuir thu iad gu féill? Bha bainis uaireigin ann am fear do ghlinn nan caorach ’san taobh tuath, agus b’iad so luchd na-bainnse:— A’ bhean òg (gun bhoirionnach ach i-fhéin;) Da-chìobair-dhiag; Da-bhreacan-dhiag; is Ceithir-coin-fhichead! AN CEILIDH UR. Ach ged a chaidh an céilidh air dhi chuimhne ’s na glinn, chaidh a chumail suas an cois chladaichean na h-àirde-an-iar, is air feadh nan eilean. Ach air son sin cha chluinnear uìdhir de na seann sgeulachdan an diugh is a b’ àbhaist a bhi measg an t-sluaigh. Bho cheann deich no coig-bhliadhna-diag bha ùpraid mhòr ’sa’ Ghàidhealtachd mu lagh an fhearainn. Feadh an ama sin an àite nan seann sgeulachdan is e bhiodh aig muinntir deasboireachd mu lagh ùr fhaighinn, is beachdachadh co bu chòir a chur do ’n Phàrlamaid. An deigh na h-ùpraid sin thainig LAGH NAN CROITEARAN a mach. Cha bhiodh e freagarach dhòmhsa mòran a chantuinn mu’n lagh sin; ach faodaidh mi a radh gu’m b’ eil e saor ri fhaicinn gu’n d’ rinn e atharachadh mor air feadh na Gaidhealtachd. [TD 306] [Vol. 7. No. 39. p. 2] Roimhe so bha e an comas an uachdarain an croitear fhuadach na ’n togradh e-fhein. Air an aobhar sin cha robh misneachd aig duine bochd mòran leasachaidh a dhianamh air ’fhearann no air ’àite-còmhnuidh. An diugh mu phàidheas an croitear a mhàl, ’s mu ni e na gnothuchan eile a tha dh’ fhiachan air a dheanamh, cha ’n urrar a chur air falbh. Chuala mi seann duine ag cantuinn gu’m beil an croitear a nise “mar gu’m biodh e ann an Tearmunn, no mar theireadh na seann Ghaidheil, saor bho chuing an [?]arraich.” Thug so mor mhisneachd dha, agus cha’n eil cearnaidh do ’n Ghaidhealtachd is do na h-Eileanabh eadar Maoil Chinntire is ceann-a tuath Shealtainn anns nach fhaic sibh moran do thighean briagha geala an aite nan seann thighean dubha. Gu’n teagamh tha mòran bochdainn ’sa’ Ghaidhealtachd fhathasd, gu h-àraid ann an àitean ’sam beil an sluagh ro dhùmhail; ach air son sin tha mòran ghoireasan de gach seòrsa an diugh a measg na tuatha nach b’ àbhaisd fhaighinn ach gann roimhe so a measg nan daoine mòra. Ach tha cuid de na nithean ùra nach eil cho falainn ris na seann nithean Tha an t-aran coirce air dol á fasan agus an t-aran cruithneachd a’ tighinn ’na ’àite. Tha mi smuaineachadh gur h-e an t-aran coirce fhein a b’ fhearr. AN TI. Tha an “tì” cuideachd a’ faighinn laimh-an-uachdar. Ri m’ òige-se cha bhiodh “ti” againn ach air Di-dòmhnaich, mur a faigheadh neach easlainteach cùpan di mar chungaidh. Tha an t-òran ag innseadh dhuinn— “Féumaidh mnathan uaisle tì ”S gur goirt an cinn mar fhaigh iad i.” Is anns an aon òran a tha an rann, ’nuair a bha an te ga moladh fhéin— “Cha’n iarr mi siùcar na tì Sròl no sìod’ a cheannach dhomh; ’S i obair mo dhà làimhe fhìn Is cinntiche mi leanalt ris.” Is co nach cuala an t-òran a rinn Bard Loch-Fine nach maireann air “An te nach òladh ti?” Cha b’ urrainn da moladh bu mhò thoirt dhi na— “Fanaidh mo Mhàiri buileach bho ’n tì.” Chuala mi òran mu’n “tì” am Bàideanach an uiridh. Cha’n fhaca mi riamh an clò e, ach is math is fhiach e a chuir air pàipear. Is ann mar so a bha e ’dol— Fhir leis an cumant ’Bhi siubhal na garbhlaich, Thig agus innis domh Nis’ o cheann aimsir, C’ait bheil a’ chaileag Tha coltach ri sean-mha’ir, Tha i air searg Le duilleach na tì. Thus’ a Cheit òg Dha ’m bu chòir a bhi falainn, Le fuil agus feòil Mu’n thòisich galar ort; Bheir mi dhuit léigh A leighsis t’ an shocair— “Ol am bainne Is seachainn an tì.” Chì sibh a’ chailleach Na suidh’ aig na h-éibhlean, Bannan mu ’leth cheann ’S i ’gearan an déididh; ’S gann gù’n toir i dhuit Freagairt le réidhte— Labhraidh i bréun Mar faigh i cuid tì. Bodach a’ bhrochain Gu seòlta seideanta, Dh’ itheadh gu somalta Bonnach an leth-oirlich; A’ caoidh ’s a’ gearan ’S a làmh fo leth-cheann, Gun chungaidh eile Ni leigheas ach tì. Cailleach nan giosrag Na fiosachd ’s na bòilich, Aig am bheil fasan ’Bhi ’mealladh gach òinnsich; Am fear ’th’ anns an dàn A dh’ain’eoin no dheòn di— Cha’n innis i ’n còrr Mur toir thu dhi tì. Ged thig am bainn’ oirnn An toiseach an t-Sàmhraidh, Leanaidh na caileagan Fasan a’ Gheamhraidh; Fiacail fhalainn Cha’n fhuirich na’n ceann, ’S na buin a bhios ann Air dubhadh le tì. Iasg na mara Tha Glasachu làn deth, Im no uibhean Cha’n fhuirich ’san àite; ’S ged dh’ itheadh na caileagan Tur am buntàta, Reachadh an càis A cheannach na tì. Cha b’ iad na marsantan Uile gu léir, A rinn an droch fhasan Do mhnathan a’ chéilidh; Ach am fear luideach A’ baile Dhun-Eideann— Chuir e bho fhéum iad Buileach le tì. Bodach beag biorach ’Tha ’tighinn mu Chaingis, Màileid aige Is cuireadh e sreang oirr’, Punnd is leth-phunnd Is ceathramh am pàipeir, ’S cha chluinn thu d’ ’chainnt Ach moladh na tì.* Co dhiù a tha cus dhe’n ti gu math no gu cron is e is dòcha gu’n can na caileagan—“Ma tha e math dha na Baintighearnan, cha dean i cron oirnne!” Bithidh iad air an aon bheachd ri GILLE-CAS-FLIUCH BAILLIDH DHIURA. An cuala sibh mar thuirt esan? Bha Bàillidh Dhiùra air thurus uair-eigin; is bha a ghille-cas-fliuch, Rùdan Mac-Phàil, cuide ris. Bha am Bàillidh a’ gabhail béidh, agus a h-uile crioman a b’ fhearr is a bu mhillse na chéile a thigeadh thun a’ Bhuird, leumadh Rùdan air, is dh’itheadh e e. “Is ann domh fhein a tha sin,” ars’ am Bàillidh. Fhreagair Rùdan— “An rud a tha math do Bhàillidh Dhiura, Cha dean e cron do Rùdan Mac-Phàil.” AOIS MHOR NAN DIURACH. Tha muinntir a’ creidsinn gu’m beil Diùra na Eilean cho falainn ’sa tha ’san rìoghachd. Chunnaic mi fhein feadhainn a dol á Ile an dòchas slàinte ’fhaighinn an Diùra; is tha sgriobhadh againn gu’m bheil muinntir Dhiùra a’ faighinn làithean buan air an talamh a tha ’n Tighearna Dia a’ toirt dhoibh. Tha Martainn Martainn a sgriobh mòran mu na h-Eileanan Gaidhealach mu ’n cuairt air da chiad bliadhna roimhe so ag innseadh dhuinn gu’n robh fear “Gillouir Mac Crain” a chum ’sa chunnaic naoi fichead Nollaig ’na thigh fhein an Diùra! Smuainichibh air sin! Chuala mi mu fhear a bh’ air thurus uair-eiginn an Diùra a chunnaic (ma’s fior an sgeula) nì a chur mòr iongantas air. Air gabhail an rathad dha chunnaic e seann duine liath, mu’n cuairt is ceithir fichead bliadhna dh’ aois ’na shuidhe air cual fhraoich aig dorus tighe, is e ’gal ’s a’ bas-bhualadh “Tha mi duilich d’ fhaicinn ’s a’ chor sin” ars’ am fear-siubhail, “ciod e a tha cur ort?” “O,” ars’ am bodach, ’s e gal ’sa rànach—“Bha m’athair rium.” Chuir so ìoghnadh mòr air an fhear-thurais, is smuainich e mu tha an duine so ceithir fichead, ciod e an aois a bhios athair. Chaidh e as teach do ’n tigh; choinnich e am bodach, is dh’ fhoighnich dheth carson a bha e ri a mhac. “An uile-biast” ars an t-Athair, “Nach b’ fheudair dhomh a mhàsan a sgaileadh airson a bhi ’fanaid air a sheanair!” Cha d’ fhuirich am fear siubhail ri fhaicinn ciod e an cruth a bh’ air seanair an ogha, is an t-ogha fhein ceithir fichead a dh’ aois! TOIMHSEACHAIN. A measg fearas-chuideach a’ Chéilidh bha na Tòimhseachain. Thaobh is gur ann air Chéilidh tha sinn a nochd faodaidh sinn Toimhseachan no dha a chur. ’Se so fear— “Chunnaic fear gun sùilean Craobh is ùbhlan oirre; Cha tug e dhi ùbhlan ’S cha d’ fhàg e ùbhlan oirre.” (’S e bha ’n so fear cam a bh’ air thurus. Chunnaic e craobh air an robh da ubhal. Ghoid e fear de na h-ùbhlan ’s dh’ fhag e am fear eile oirre). “Tha mogan mollach mollach A’ sìor shiubhal a’ mhonaidh; Cha dath gobhar no caorach No dath dhaoin’ th’air mogan mollach.” (’Se so ceò na beinne). “Tha caora dhubh ’sa’ bhail ud thall, Biath gu math i, ’s cuiridh i fichead rusg ’sa latha dhi.” (’Se so a’ ghreidil, is bean-an-tighe a’ fuinneadh). Trì ba bric a’ ruith air lic Cha bhlidheanadh iad ’s cha bhleodhnadh iad; Cha ghearr iad céum air ghàradh buaile— Trì ba uallach aigionnach.” (’Si so a’ phìob-mhor.) “Chi mi, chi mi fada bhuam Da-mhile dheug thar a’ chuain; Fear gun fhuil, gun fheòil, gun anam ’Dannsadh air an talamh chruaidh, (’Se so a’ chlach-mheallain.) “Each mòr dubh a’ mìre ri sruth; Cha’n eil an Alba no ’n Eirinn A théid air a mhuin.” ’(S e so roth a’ mhuilinn.) “Mias mhòr fhleòdair Is ciad toll òir oirre.” (’Se so an t-athar ’s na rionnagan.) “Chaidh mi ’na chaoill is fhuair mi e, Shuidh mi air cnocan ’s cha d’ fhuair mi e; Na’m faighinn e dh’ fhàgainn a muigh e, ’S bho nach d’ fhuair mi e Thug mi dhachaidh e.” (’Se bha an so duine casruisgte a chaidh do ’n choill; chaidh bior ’na chois; dh’ fhairtlich air fhaighinn, is b’ fhéudar dha thoirt dhachaidh). Tha ’an toimhseachan so rudeigin coltach ris an fhreagairt a thug an Leanabh Ileach mu ’mhàthair ’nuair bha i air cùl an tighe ga smiarach fhéin. Dh’ fhoighnich fear siubhail ris c’àit an robh a mhathair. Fhreagair an Leanabh Ileach gu’n robh i a’ sealg, agus na mharbhadh i dh’fhàgadh i muigh iad, ’sa chuid nach marbhadh i bheireadh i dhachaidh iad!— “Tilgidh an ceard air an rathad mhòr e, ’S cuiridh an duin uasal ’na phocaid e.” (An uair a bhios an cnatan air duine uasal gabhas e neapuig dha shròin ’s an deigh sin cuiridh e ’na phòcaid e. Beiridh an ceard air a shròin eadar a chorrag is ordag, is tilgidh e na thig air an rathad mhòr. Is e so brìgh an toimhseachain). Tha ’n toimhseachain so aca an Eirinn mar so:— “An rud a chuireas an saidhbir ’na phòca, Caitheann an daidhbhir air an ròd e.” “Bha i ann bho thoiseach an t-saoghail, ’S cha’n eil i ach mios a dh’aois.” (’Si so a ghealach). Aon toimhseachan eile:— “Ceathrar ’nan ruith, Ceathrar air chrith, Dithis a’ coimhead ris an athar, Aon fhear ag eigheachd Is dithis a deanamh an rathaid.” (B’iad so ceithir chas, ceithir sine, da adharc, teanga, agus da shùil mart). Cluinnear an toimhseachan so air fad as liad na Gaidhealtachd. Tha e aig na Gaidheil Eirionnach mar so:— “Ceathrar air rith, ceathrair air chrith, Beirt air an ngairmint, fear eile geimneach, Agus mac an mhaoil shodérnaigh ag rith air an moid sin.” Tha e cuideachd aig na Sealtainnich anns a’ Chainnt Lochlannaich, mar so— Fira honga, fira gonga Fira staad upo sko, Twa veestra vaig a bee, And ane comes atta driljandi. Faodar so eadar-theangachadh— Ceithir an crochadh (na sinean), Ceithir a’ siubhal (na casan), Ceithir nan seasamh ris an athar (an da adhairc is an da chluais), Dithis a’ deanamh ’n rathaid gu baile (na sùilean) Is aon a’ clibidich air dheireadh (an t-earbul.) Faodaibh e bhith gur h-iad na Lochlainnich a thug do ’n Ghaidhealtachd e. So agaibh ceisd a nise. Bha Bodach ann uaireigin aig an * Dh’ innis gille òg bh’ aig a’ Cheilidh gur e am fear-ud-nach-maireann, Iain Mac-’ille-Sheathain, an Tiridhe, a rinn an t-oran. [TD 307] [Vol. 7. No. 39. p. 3] robh triùir mhac. Rinn e roinneas tiomnadh mar so. Bha e fàgail leth a chodach aig a’ mhac bu shine; an treas earann aig an dara fear; ’s a naoidheamh earann aig an fhear a b’ òige. ’N uair fhuair am bodach bàs cha robh aige ach seachd-eich-dheug Ciamar a roinn na gillean iad? Dh’ fhairtich an gnothuch orra ’s thog iad orra gu baile leis na h-eich, is iad a dol gu lagh. Air an rathad choinnich iad seann duine air muin eich, is dh’ innis iad da fàth an turuis. “O,” ars’ am Bodach, “roinnidh mise dhuibh iad.” Chuireadh na seachd-eich-dheug as teach do phunnd, is thubhairt am Bodach ris a’ ghille bu shine, “Thoir thusa leat do chuid fhein,” is dh’ fhalbh e le naoidh eich. Thuirt e ris an dara fear “Thoir thusa leat do chuid fhein, is dh’fhalbh e le sia. Thug e an t-aon òrdugh dha ’n tritheamh fear is dh’ fhalbh esan le dhà. Fhuair gach fear mar so a dhlighe, is ghabh am Bodach an rathad roimhe le each fhéin. Nach bu sgiobalta a roinn e iad? SUBHACHAS IS DUBHACHAS. Bhiodh muinntir mar bu trice subhach air chéilidh, ach aig amannan ’nuair bhiodh dubhachas ’san tir bhiodh an céilidh dha réir. An deigh daoine chall dheanadh na bàird marbh-ranna, is bhiodh iad so air an seinn gu tiamhaidh aig a’ chéilidh. An uair a chriochadh bean òg reachadh tuireadh a dheanamh oirre, agus sheinneadh caileag e aig a chéilidh air mhodh is gu’n tigeadh na deòir bho shuilibh a luchd-eisdeachd. Dheth an t-seòrsa so bha an t-oran brònach do Mhor. Tha e mar gu’m b’e a duine fhein a rinn e an deigh a bais. Bha e tuireadh gu muladach mar so— Cha tig Mòr mo bhean dachaidh Cha tig Mòr mo bhean ghaoil, Cha tig màthair mo leinibh Nochd a laidhe ri m’ thaobh. Thig blàth air a’ ghiubhas Agus ùbhlan air géig, Cinnidh gucag air luachair Ach cha ghluais mo bhean fhein. Fàsaidh bàrr air an iubhar Fàsaidh duilleach air chraoibh, Thig fras air an luachair Ach cha ghluais mo bhean ghaoil. Thig Màrt oirnn’, thig Foghar Thig todhar, thig buar, Ach cha tog mo bhean luinneag Ri bleodhan no buain. Thig na gobhair do’n mhainnir Beiridh aighean duinn laoigh, Ach cha tig mo bhean dhachaidh A clachan nan craobh. Tha an crodh anns an eadradh ’S iad a’ freagairt nan laogh, Tha Mòr an Dun-bheagain ’S cha fhreagair i ’n glaodh. Tha mo chrodh gun an leigeil Tha ’n t-eadradh aig càch. Tha mo leanabh gun bheadradh ’Na shuidh air an làr. Tha m’ aodach air tolladh Tha ’n olainn gun sniomh, Agus deadh bhean-mo-thighe ’Na laidhe fo dhìon, Tha m’ fhardach-sa creachta ’S lom mo leac is gur fuar, Tha m’ ionmhas ’s mo bheirteas Fo na leacan ’na suain. ’So a’ bhliadhna chur as domh Thug am falt bharr mo chinn, Chuid nach eil deth air glasadh ’Falbh na shad leis a’ ghaoith. Cha dirich mi tulach Cha shiubhail mi frith, Cha’n fhaigh mi drùb chadail ’S mo thasgaidh ’sa’ chill. Dean an cadal a leinibh Agus fidir mar tha— Tha do mhàthair fo leacaibh ’S tha m’ achlais dhut fàs. Uist! a chagarain ghràdhaich Caidil sàmhach a luaidh, Cha tog caoineadh do mhàthair Dean ba-bà a nise uain. Cha robh a h-uile Duine-banntrach cho tuirseach ris an fhear bhochd so. Chuala mi mu bhoirionnach coir a bha gle thinn, is thainig ’na ceann fhéin gu ’n robh i air leabaidh a’ bhàis. “O Dhòmhnuill, ’Eudail,” ars’ ise ris an duine, “Ciod a ni thusa ’nuair a gheibh mise bàs?” “Ciod e ’ni mise,” arsa Dòmhnull, “ach mar bhios daoin’ eile a’ deanamh—Marry again.” Tha cuimhne agam fhéin air bodach a bha ’call nam mnathan. Is gann a bha tè fo ’n lic ’nuair a bha te ùr na h-àite. Air dha dhol dachaidh leis a’ cheathramh mo ’choigeamh te thug e oirre tòiseachadh air dannsadh is e fhein a’ deanamh Port-a’-bial di mar so— Hó-ró nach sgiobalt’ i Mar ghiobach air an ùrlar, Na’m falbhadh tè gu’n tigeadh te Mar ghiobach air an urlar. Chuala mi mu bhodach eile a chaill a bhean. Bha coimhearsnach a’ gabhail an rathaid; choinnich e ’m bodach aig an dorus, is dh’ fhoighnich e “ciamar a tha bhean an diugh a Thormaid.” “Shiubhail i, shiubhail i,” arsa Tormad; “Thig as teach ’s gu ’m faic thu i.” Chaidh an dithis as teach. Bha ’chailleach air a righe air a bhord-dhéile. “Cha’n ’eil fhios domh fo Dhia,” arsa Tormad, “ciod e ’thug am bàs di. Fhaic thu, tha na fiaclan aice cho math ’sa bha iad riamh!” ’N uair a bhiodh duine-bantraich a’ deanamh dìochuimhne air a bhean nach robh ach goirid fo ’n fhoid bhiodh cogais a choimhirsnich ’na aghaidh, agus bhiodh oran air a sheinn mar gu ’m b’ ann leis an te ’bha ’sa’ chill a reachadh a dheanamh. So agaibh rann no dha de dh’oran de ’n t-seorsa so— Gur mis’ tha gun sùnnt Bho àm na Bliadhn’-ùir, Ceathrar ri m’ chùl Do phàisdean; Tha ’n athair ’sa’ chùil Tha ’m màthair ’san ùir ’S gu’m faigh e te ùr ’Na h-àite. Gur mis’ ’tha fo ghruaim Air maduinn Dì-luain, ’S an t-seachdain cho buan ’S is àbhaist; Na’m faighinn mo dhuais Cha’n fhanainn fo’n chruas, Gu’n gabhainn an cuan Am màireach. Gur mis’ tha gu tinn Le goirteas mo chinn, Cha’n urrainn domh inns’ Do m’ chàirdean— M’ chlann nighean gun tuar, ’S gu’m bi iad gun bhuaidh, ’S am màthair ’s an uaigh An càradh. (Ri leantuinn.) SEANN CHLEACHDADH. Tha mòran, a réir coslais, de luchd-leughaidh nach cual guth riamh mu na cleasaibh iongantach a ta ’gan gnathachadh air longaibh, an uair a bhios iad a’ seòladh null thar crios-meadhoin na talmhainn. Nithear dìochioll, uime sin, an so, air cunntas goirid a thoirt mu na cleasaibh sin, do bhrìgh gum bheil iad air an gnàthachadh gu ruig an là ’n diugh air mòran de na longaibh a ta ’seoladh thar a’ chrios sin dh’ionnsuidh Innsean na h-Aird’ an Ear, Australia, no àite air bith ann an cuantaibh na h-àirde deas. Anns an rìoghachd so, chìthear a’ ghrian deas oirnn aig meadhon-là; ach nam bìomaid ann an Australia, chìtheamaid i mu mheadhon-latha tuath oirnn. Tha’n talamh cruinn, agus leth-char air cumadh uibhe. Tha, uime sin, àite sònraichte aig meadhon an astair, eadar ceann deas agus ceann tuath na talmhainn, far am bheil a’ ghrian aig meadhon-là, air amannaibh de’n bhliadhna, dìreach os ar ceann, agus ’se sin an t-aite ris an abrar anns a’ Bheurla an “Line,” no “Equator”—’se sin, an crios no an cearcal a ta ’cuairteachadh na talmhainn, o’n àird’-an-ear gus an àird-an-iar, agus ’ga roinn na dha leth. Ach, chum ar sgeul a dheanamh so-thuigsinn, feumar a thoirt fa’near gu’n robh mòran de dhiathaibh-bréige aig na cinnich o shean, anns an robh iad gu dall agus gu h-amaideach a’ cur an uile dhòchais. Is gann nach robh dia no ban-dia aca airson nan uile nithe. Mar so, b’e Mars dia a’ chogaidh—Baccus, dia an fhìona—Pan, dia nan coilltean—Ceres, ban-dia an àrbhair—Minerva, ban-dia a’ ghliocais—agus mar sin siòs. Tha e cinnteach, air do na cinnnich a bhi mar so a’ dealbhadh diathan ’nan inntinn fèin gu riaghladh thar gach nì, nach fàgadh iad an cuan mòr agus doinionnach gun a dhia fèin mar an ceudna. B’e, uime sin, Neptun dia a’ chuain, agus b’i Amphitrite ban-dia a’ chuain. An uair nach robh eòlas sam bith aig na cinnich iodhal-aorach sin air an aon Dhia bheò agus fhìor a chruthaich nèamh agus talamh, bha iad gu dìomhain an dùil gum b’e Neptun a b’aobhar do gach anradh agus dionionn air a’ chuan mhòr, agus gu’n robh uile uisgeachan an domhain aige-san fo ’smachd féin! Chum sùgradh agus cridhealas a chumail suas air na longaibh a ta ’seòladh do dhuthchannaibh an céin, tha na seòladairean a’ leigeil orra féin gum bheil ’àite-còmhnuidh anns a’ chuan mhòr, dìreach aig crios meadhoin na talmhainn; agus nach ceadaich e do luing sam bith a dhol seachad air a’ chrios sin gun fhailt’ a chur oirre. An uair a ruigeas long an t-àite sin de’n chuan, theid seòladair suas gu mullach a’ chroinn-mhòir, a ghabhail fradhairc air a’ chuan ceithir-thimchioll air; agus cha’n fhad gus an glaodh e le ’uile neart, “Tha mi ’faicinn ni-eiginn cosmhuil ri sgoth air taobh an fhuaraidh!” Ann an ùine ghoirid an déigh sin, cluinnear guth anns a’ chuan, aig toiseach na luinge da’n toir oifigeach àraidh freagradh. Their an guth ris an oifigeach so, “Cuir an long air an luidh-chuige, oir tha Neptun, dia a’ chuain, a’ teachd air bòrd.” Air ball cuirear suas an long, agus air a’ cheart mhionaid sin leumaidh òganach sgiamhach suas air a’ chlàr-uachdair, air a sgeudachadh gu riamhach le briogais ghoirid, le bucallaibh ’na bhrògaibh agus leis gach [?] eile a réir sin. Grad chuiridh e mòran cheistean, ag iarraidh fios air ainm na luinge, cia as di, c’àite’ am bheil i ’dol, agus ciod leis am bheil i air a luchdachadh. An sin, their e gu modhail gur seirbhiseach esan do Neptun, agus gu’n do chuireadh e a dh’innseadh gum bheil a mhaighstir a’ teachd gu grad air bòrd. An sin tha sòl mòr air a thilgeadh tarsuing air meadhon na luing, leis am bheil a toiseach air ’fholuchadh o a deireadh. Ann an ùine ghoirid, thig Neptun agus a luchd-frithealaidh a mach o chùl an t-siùil sin, agus nochdaidh iad iad féin, nam buidhinn eagallaich, air a’ chlàr-deiridh! Cumamaid ’nar cuimhne nach ’eil annta so gu léir ach na seòladairean féin, air an sgeudachadh le culaidhibh iongantach, agus air an cur as aithne le dathaibh geala, dearg, agus le h-aghaidhibh coimheach. Tha Neptun ’ga nochdadh féin na shuidhe air carbad, a ta air a tharruing le seisear ghillibh treuna. Tha na gillean sin a’ gluasad mar bheathaichibh ceithir-chosach, le’n corpaibh ach beag rùisgte, agus air an còmhdachadh le ballaibh dearg’ agus geal fa seach. Tha feamainn agus luibhean-mara, mar fholt, air an cinn; agus tha sligean àraidh aca làmhaibh, leis an dean iad fuaim agus gleadhraich eagallach! Tha Neptun na shuidhe gu h-àrd air a charbad féin, le coron rìoghail air a cheann, agus le sleagh trì-mheurach ’na làimh-dheis. Fo’n choron so, tha gruag mhòr air a deanamh de chòrcach-calcaidh; agus tha feusag uamhasach de’n stuth ceudna a’ tuiteam sìos air ’uchd! Aig uachdaran so a’ chuain tha mòran luchd-frithealaidh, a ta air an sgeudachadh le trusganaibh a thogas gàire na sgioba, agus leis gach nì eìle a chuireas iad fo choslas fiadhaich agus gruamach! Am measg chàich, chìthear léigh Neptun, leis gach cungaidh-leighis ’na làimh; agus mar an ceudna bearradair Neptun, aig am bheil ealtuinn (Air a leantuinn air taobh 310.) [TD 308] [Vol. 7. No. 39. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., APRIL 21, 1899. NA CEILTICH. Dh’innis mi cheana gur iad, ann mo bheachd-sa, na Gàidheil a thug an ainm do Chalais anns an Fhraing, do Bhaile ’Chaolais, do Chaol an t-snàimh, do Chaol Mhuile, do Chaol Ile, do Chaol Dhiùra, is do na Caoil Mhòideach ann an Albainn. Chi neach air bith glé fhurasda gur e facal fior Ghàidhealach a tha ann an caol no aimhleathan. Thainig na Gàidheil mata, anns na linntean a tha bho cheann fada ann an tir na di-chuimhne, thairis air an fhairge luasganach a tha eadar an Fhraing agus Breatunn bho Chalais gu Dobhair ann an Sasunn. Cha robh defiir sam bith air na Gàidheil an uair a thòisich iad air tuineachadh ann an Sasunn, air dol tuath no dh’ ionnsaidh na h-àirde ’n iar. Rinn iad maille, ’s ghabh iad an ùine féin ann an imeachd mu thuath, agus bho aon àite gu h-àit eile. Is eiginn gu’n do thuinich daoine air bith car ùine fhada anns an dùthaich mun d’thug iad na h-ainmean a mhaireas gu bràth do iomadh sruth us loch us ros us cnoc us comhnard us aonach a tha fathast a’ caitheamh cainnt us eididh na fine a ghabh sealbh sheasmhach air tùs innte, no anns an dùthaich. Tha e cho soilleir ri solus an latha, mar a chi sinn, gu bheil, air feadh Shasuinn, ainmean a tha cho Gàidhealach ri ainm sam bith a tha an diugh ann an Lochabair, no ann am Muile, no ann an eilean I, Iona. Is e facal fior Ghàidhealach a tha ann an Dobhar, a’ ciallachadh mar a tha e uisge, no oir dùthcha. Tha Dobhar ann an Albainn anns an fhacal Aberarder no Aberardour, “Abhain an aird dobhair.” Tha am facal Dobhar mar an ceudna r’a fhaicinn ann an Aberdour no Aberdovar; ann an Aberchuder, “Abhain chuan Dobhair;” agus ann an Calder, “Coille Dobhair.” Tha e follaiseach gu leor gu bheil am facal Dobhar glé chumanta ’s aithnichte ann an Albainn. Is e Cambridge, “an drochaid cham,” is ainm do aon de na h-oil-thighean measail, iomraiteach a bhuineas do Shasunn. Chunnaic mi féin an amhuinn bheag a tha ’siubhal seachad air an oil-thigh so, agus da-rireadh tha i cam gu leòr, agus nochd na Gàidheil gliocas mor an uair a thug iad cam mar ainm air an t-sruthan charach, lùbagach so. Isis: is e so ainm na h-aimhne ’tha ’dol seachad air Oxford, no “àth nan damh,” an t-oil-thigh aosmhor, cliùiteach air an cuala an saoghal iomadh iomradh fàbharrach. Tha am facal Isis a’ ciallachadh a sios, no an eas. Faodaidh sinn tamh no tabh fhaicinn anns an amhuinn Thames no Tamesis, a tha ’g imeachd seachad air baile mor us beartach Bhreatuinn. Tha gun teagamh a làthair anns an fhacal Lunnainn no Lunnuinn, long no loingeas. Anns na h-aibhnichean Sasunnach Anne, Chen, tha am facal Gaidhlig amhainn ri fhaicinn. Anns na h-ainmean Esk, Eskle, Exe, Ouse, Ane, ’tha ann an iomadh cearna de Shasunn am focal uisge ’lathair. Anns an amhainn Leven chi sinn liath agus amhainn,—an amhainn liath. Buinidh do ’n amhainn Don, dubh agus an no amhainn—no, ma dh’ fhaoidte, domhainn. Tha Dee a’ ciallachadh da agus abh. Tha a uisge ’s reidh r’ am faicinn ann an ainm na h-aibhne Aire. Chitear anns an fhocal Tyne, teth, agus an no amhainn. Tha allt ’us dubh a’ deanamh suas ainm na h-aimhne Aldie. Co nach fhaic liath anns an ainm Lee? Buinidh liath ’us an no amhainn do Leen. Tha se aimhnichean ann an Sasunn a’ giulan an ainm Storn—focal a tha ’ciallachadh sturr no stur. Cover, cobhar; Avon, amhainn; Severn, seimh bhurn;—so aimhnichean Sasunnach eile ’tha air an sgeadachadh le trusgan Gaidhealach. Nach ’eil e soilleir gu leoir a nis gur iad na Gaidheil a thug na h-ainmean, a tha iad fathast a’ giulan, do mhoran de aimhnichean Shasuinn; agus gu do thuinich, anns na laithean air nach ’eil fios cinnteach againne, na Gaidheil uine mhor ann an Sasunn; agus gu robh coir ’us sealbh aca air mar an duthaich fein. Tha gach Gaidheal min-eolach air Dun; oir, anns na h-amannan a bha ’s a dh’ fhalbh, bha daighneach no caisteal tiugh, laidir, air mullach ceud Duin ann an Albainn. Tha iomadh aird no meall ann an Sasunn d’ am buin an t-ainm Dun—Duncaster, Dunstable, Dunmore, Dundry,—co nach aithnich Dun anns na h-ainmean so? Ann an Lincoln, faiceamaid linn. Ann am Penard, no Beinnard, chitear beinn—focal a tha co Gaidhealach ris an fhraoch no ris an rainneach fein. Ann an Kenne, Kennedon, ceann an duin, Kencet, Kencomt, ceann cam—tha ceann agus focail Gaidhealach eile g’ an nochdadh fein. Ann an Cheviot—ainm chnoc ann an taobh mu thuath Shasuinn—chitear am focal Gaidhlig tiughad. Cha ’n ann gun aobhar sonruichte, mata, ’sgriobh Maighstir Taillear, sgoilear foghluimte Sasunnach, gu bheil ach beag gach ainm aimhne thairis air Sasunn gu leir Ceilteach no Gaidhealach; agus gu bheil a chuibhrionn a’s modha de Shiorramachdan Shasuinn a’ nochdadh ainmean no freumhan Ceiltich. Tha aireamh nach ’eil beag air feadh Shasuinn de ainmean chnoc, ’us ghlaic, ’us chomhnardan, ’us dhaighneach a’ tabhairt fianuis gur iad na Ceiltich aig an robh coir ’us sealbh an toiseach air fearann ’us sliosan ’us leargan Shasuinn. Tha dochas agam gu bheil e soilleir gu d’ imrich na Gaidheil air an athais gu ceann mu thuath Shasuinn, gu deachaidh iad air an aghaidh do Albainn, agus gu do sheol iad bho cheann mu dheas Albainn gus an d’ rainig iad an t-Eilean Eirionnach. Nochdaidh mi ann an litir eile gu bheil ainmean co Gaidhealach ris an fhraoch fein a’ tachairt oirnn ann an cearna mu dheas Albainn. Dh’ imich na Gaidheil gu h-airde ’n iar Shasuinn mar an ceudna, ’s sheol iad thar an fhairge Eirionnaich gus an do ghabh iad tamh ’us aiteachadh ann an Eirionn. Tha ’n Cuimreach dileas, foghluimte, Imhear Lhuyd, ag innseadh dhuinn anns an leabhnr ionnsuichte ’sgriobh e, an t-Archaeologica Britannica, gu d’ imrich Gaidheil thar an fhairge Eìrionnaich gus an eilean sin. Tha Rhys, fear-teagasg nan Canainean Ceilteach ann an Oil-thigh Ath nan damh, ag innseadh an sgeoil cheudna. Bheir mi aig am eile eachdraidh a’s fhaide air Lhuyd agus air Rhys, da sgoilear Cuimreach a tha airidh air moran speis ’us urraim. CONA. ALASDAIR GARDEN. ’Se ollamh-lus ainmeil a bh’anns an duine seo, a fhuair ’ionnsachadh an Ard-sgoil Dun-eideann, far an d’fhuair e inbhe ollamh Leigheis Rugadh e an Albainn ’sa’ bhliadhna 1730, agus ghabh e comhnaidh aig Baile Thearlaich an Caroline mu Deas ’sa’ bhliadhna 1752, far a do thoisich e air obair mar lighiche. Thoisich e air ball air rannsachadh eòlas-luibhean, ach fhuair e dragh mòr ’ga ionnsachadh gu ceart leis na leabhraichean le Tournefort agus Ray, an fheadainn a’s fhearr a bh’aige, oir bha iad na bu freagarraiche do lusan na Roinn-Eòrpa na iadsan a bha ri fhaotainn an America. Mu dheireadh, thachair e air na leabhraichean sin, “Fundamenta Botanica,” agus “Classes lantarum” le Linneus, agus anns a mhios Mart, 1755, sgriobh e litir snarail Laidionn do’n lusrogan ainmeil sin. Beagan an déigh seo, fhuair e leabhraichean bho’n Suain a chuidich e gu mòr ’na obair, agus fhuair e mach roinnean ura am measg ainmhidhean agus lusan America mu Thuath. Bha Linneus na chomain airson an fhios a fhuair e bhuaidh air cuileagan agus éisg an Carolina mu dheas, nam measg bha beathach ainmeil ris an abrar “Siren lacertina,” aig a’ bheil an dara leth coltach ri dearc-luachrach, agus an leth eile coltach ri iasg. Nuair a bha e tuillidh air fichead bliadhna am Baile Thearlaich, chuir ar-a-mach an America crioch air na litrichean eadar Garden agus Linneus, agus bho na ghabh esan taobh nam Breatunnaich, bha feum aige teicheadh bho America gu Sasunn. Dh’fhàg e a mhac na dheigh, ach thug e leis a bhean agus a dhithis nighean. Shiubhal e an Lunnainn air 15mh la dhe’n mhios Giblean, 1761, 62 bliadhn a dh’aois. Sgriobh e beagan phaipearan air leth, ach cha do chuir an clòdh leabhar iomlan riamh. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI. C. B. [TD 309] [Vol. 7. No. 39. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha Halifax a taghadh ard-bhaillidh Di-ciaduin s’a chaidh. Bha dithis a ruith, Mr. Stephens a bha anns an dreuchd roimhe, agus Mr. Hamilton. Fhuair Hamilton a stigh le 600 bhot a bharrachd air Stephens. Tha an t-ard-riaghladh an deigh reachd cruaidh a dheanamh a thaobh creic deoch laidir anns a Yukon, no mar a theirear ris an Clondaic. Bidh e gu math doirbh an stuth a thoirt a stigh idir fo’n lagh ur, agus cha b’ iongantach ged a bhionh “gorta” dibhe anns an duthaich an uine ghoirid, gorta nach dean cron sam bith orrasan a tha ’g obair innte a sireadh an oir. Tha duin’ og a mhuinntir Bhaddeck, Coinneach Mac Aonghais, a bha foghlum ann an oil-thigh Auburn, New York, an deigh gairm fhaotainn gu Dakota, far am bheil aireamh de theaghlaichean Gaidhealach a tha air son an soisgeul a bhi air a shearmonachadh dhaibh ann an cainnt an duthcha fhein. Cha’n eil teagamh againn nach cord Mr. Mac Aonghais gu math riutha, oir tha e ’na dheagh fhear-labhairt Gailig us Beurla. Thachair droch sgiorradh, Di-satharna s’a chaidh do Sheumas Domhnullach, fear-parlamaid siorrachd Inbhirnis, aig cala West Bay Road. Bha fear de ’n luchd-obrach timchioll air carbad a bhathas a luchdachadh le “sleepers” ag obair le tuaigh agus Mr. Domhnullach ’na sheasamh faisg air. Dh’fhalbh an tuagh bhar na coise, agus bhuail i air Mr. Domhnullach anns an uchd a deanamh gearraidh sia oirlich a dh’ fhad agus cho dona ’s gu ’m b’ fheudar fhuaigheal. Thatar ag radh gu bheil tim-chlar ur ri bhi aca air an rathad-iaruinn air an t-samhradh so, agus gu’m bi da charbad ’san latha a falbh ’sa tighinn eadar Sidni us Halifacs. Bidh sin na ghoireas mor, oir bidh aon diubh a deanamh an astair ann an uine moran na’s giorra na thatar ’ga deanamh an drasda. Tha sinn an dochas, o’n tha atharrachadh ri bhi air a dheanamh, nach tillear am feasda ris an tim-chlar a th’ aca aig an am so, leis an fheudar do dhuine tha air son a dhol air cheann turuis a leabaidh fhagail beagan an deigh dha a dhol innte. Bha muinntir na Narrows Mhora a taghadh fir-comhairle Di-mairt s’a chaidh. Aig an taghadh toiseach a gheamhraidh, chaidh cuisean car air aimhreit, agus bha gach fear dhe’n dithis a bha ruith ag agairt coir suidhe anns a Chomhairle. Ach air son a chuis a chur ceart, agus cosguis lagha a chumhnadh, chaidh ordugh a thoirt seachad gu’m biodh taghadh ur ann. Bha ’n dithis cheudna ruith, Seumas Dughlach, agus Iain C. Mac Neill. Thainig barrachd de na bhotairean a mach ’sa thainig riamh roimhe. Fhuair Mac Neill a stigh le 156 bhot, naodh a bharrachd air na fhuair an Dughlach. AN “SCOTT ACT.” Thug sinn iomradh anns an aireamh mu dheireadh air fear de phaipearan a bhaile bhi labhairt gu cruaidh mu’n “Scott Act.” Tha sinn a creidsinn gu fior nach eil am paipeir sin air son a bhi misneachadh no a neartachadh luchd-bristidh an lagha ann an doigh sam bith, ach tha sinn aig an am cheudna dhe’n bharail gu bheil a bhi labhairt mu’n lagh air an doigh air am bheil e, a deanamh an dearbh ni sin, a toirt misneachd agus neart dhaibhsan a tha ’ga bhristeadh. Cha ’n eil teagamh nach eil an lagh ceart, ’nan cuirte gu feum e, agus cha ’n eil teagamh cearbach ’s mar tha e, nach gabh e cur gu feum. Their a luchd-casaid gu tric nach gabh e obrachadh, agus nach biodh e ceart do ’n bhaile so feuchainn ris, gu’m biodh e air a chur ann an ainbh-fhiach leis, mar a thachair uair roimhe aireamh bhliadhnaichean air ais, nuair a bha an lagh ur agus moran na bu chearbaiche na tha e ’n diugh. Ach their iad mar an ceudna gu bheil ’s gu robh iadsan a tha feuchainn ris an lagh obrachadh, a deanamh sin air son buanachd dhaibh fein. An so tha ni iongantach. Tha na h-uaislean sin a deanamh airgeid air, ach nan toisicheadh am baile, rachadh e anns na fiachan! Ma tha aon duine no da dhuine a deanamh airgeid air an “Scott Act,” carson, an ainm an aigh, nach b’urrainn am baile, air a chuid bu lugha, an lagh ceudna a laimhseachadh cho glic ’s cho math ’s nach rachadh e anns na fiachan. ’Se ’m baile bu chor a bhi air chul an lagha, agus cha teid casg ceart a chur air a mhalairt mhi-laghail, chronail, gus an gabh am baile os laimh e. Na’n deanadh am baile sin, tha sinn a creidsinn gu ’n soirbhicheadh leis, agus gu’m biodh cuisean an ceann beagan mhiosan moran na’s fhearr na tha iad. Nan leigte ris aon uair do luchd-reic an stuth laidir gu robh aca ri sgur a dheoin no dh’aindeoin, sguireadh iad gu ire bhig gun a dhol gu lagh idir. Ach fhad ’s nach bi air chul an lagha ach a dithis no triuir, agus a bhios daoine tha gabhail orra fhein a bhi air taobh stuaime ’s air taobh lagha, a tilgeadh gach taire ’s urrainn daibh air an lagh ’s orra-san a tha ga sheasamh, cha sguir iad dhe chreic ’s cha ruig iad a leas. Ann an Tracadie, an New Brunswick, tha tigh-eiridinn air son lobhar air a chumail suas le ard-riaghladh Chanada. Tha aig an am so, aon air fhichead anns an tigh, sianar bhoirionnach, agus a coig deug de dh’ fhirionnaich. Chaochail dithis air a bhliadhna chaidh seachad, agus bha triuir air an gabhail a stigh as ur. Tha ’n neach a’s sine anns an tigh-eiridinn tri fichead bliadhna s’a dha, agus an neach a’s oige coig bliadhn’ deug a dh’ aois. Tha an luibhre a fas na’s gainne ann an Canada na bha i. Tha i ann an aite no dha an Ceap Breatunn, ach ’si barail an lighiche tha sealltuinn thairis orra-san air am bheil i, nach eil cunnart mor sam bith a nise u’n sgaoil i. Tha an luibhre gabhaltach, agus tha e gle iomchuidh iadsan air am bheil i a bhi air an cumail air leith o daoin’ eile. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. BAS. —Aig Loch Ghabarus, air an darna latha deug dhe’n mhios so, Anna, bantrach Neil Dhomhnullaich, ceithir fichead bliadhna dh’aois. Rugadh i ann an Uidhist a chinn a Tuath, agus thainig i mach don dùthaich so, an uair a bha i seachd bliadhn’ deug a dh’aois. Dh’fhàg i sianar mhac agus dithis nighean. ’Sann còmhla ri fear de mic a bha i fuireach. Tha aon de h-igheanan pòsda aig Niall Mac Gilleain, ceannaiche, ann a Fourchu. —Ann an New Boston, Di-màirt sa chaidh, Tormad Mac Amhlaidh, da fhichead ’sa coig a dh’aois. Bha e air a bhualadh le pairileis o chionn da sheachdain air ais, agus dh’aobharaich sin a bhàs, Bha e ’na dhuine ciùin, socair, air an robh meas mor aig na h-uile chuir eòlas air. Bu mhaighstir sgoile e, agus theagaisg e ann an caochladh sgireachdan air feadh na siorrachd. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 310] [Vol. 7. No. 39. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 307.) dà throidh air fad, eadhon mìr de chearcall iaruinn air meirgeadh! Aig a’ bhearradair so tha gille mòr dubh, a ta ’giùlan cuinneig ’na làimh mar bhocsa-siabuinn, làn tearra agus nithe eile. Ri taobh Neptun chìthear Amphitrite, a bhan-righinn féin, na ’suidhe air carbad eile, a ta air a tharruing le seisear ghillean làdair, borb, air an sgeudachadh cosmhuil ri luchd-tarruing carbaid a companaich. Cha’n ’eil ann an Amphitrite ach fear fo eudach boirirnnach, Tha sleagh aig a’ bhan-righinn, mar an ceudna, ’na làimh, agus ’na h-uchd tha aon de bhalachanaibh na luinge, mar naoidhean. Tha banaltrum aig an leanabh sin, a ta ’taomadh brochain le ladair iaruinn na bheul. A bhàrr air so, tha mòran de luchd-frithealaidh aig Amphitrite—maighdeana-mara, le sgàthanaibh, cìribh, bruisibh, agus nithibh eile mar sin, air an siubhal. An uair a bheirear na carbadan chum a’ chaisteil deiridh, thig caiptean na luinge a làthair, le fìon agus deochaibh eile, chum beatha Neptuin altachadh air bòrd. Grad thiligidh uachdaran a’ chuain agus a chéile an sleaghan air an làr, mar so a’ toirt ùmhlachd do phrìomh-fhear na luinge, agus do bhan-righinn na dùcha as an d’thaìnig e. “Thainig mise,” their Neptun, “chum fàilt a chur ortsa, a dheagh Bhreatunnaich, agus chum innseadh dhut gum bheil mi toilichte t’fhaicinn an taobh a stigh de m’ chrìochaibh. So agad Amphitrite, mo chéile-sa, agus so agad mo leanabh. Ceadaich dhomh a nis foighneachd airson mo bhan charaid chòir, Bhictoria, ban-righinn Bhreatuinn,—agus airson a companaich, Prionns’ Ailbeirt,—agus airson an teaghlaich rìoghail gu léir.” Caiptean.—“Dh’fhàg mise slàn, fallain, iad uile.” Neptun.—“Is taitneach, gun teagamh, an naigheachd sin leamsa, a chaiptein chòir; ach cionnas tha na naoidheana rìoghail, am Prionns’ òg agus a phiuthar?” Caiptean.—“Le’r cead, chuala mi gum bheil na pàisdean a’ tighinn air an aghart gu math agus gu ro mhath; ach ged a fhuair mi, a nis, an t-urram agus an toil-inntinn mac rìgh a’ chuain fhaicinn a’ m’ luing féin, cha’n fhaca mi riamh ar leanabana rìoghail féin, am Prionns’ òg agus a phiuthar, ach tha iad gun deireas sam bith—gu seasgair anns an luchairt rìoghail; agus, cosmhuil ris na craobhaibh, cha’n ’eil tuilleadh aca ri dheanamh ach a bhi ’fàs suas.” Neptun.—“Is binn leam féin do sgeul, a Bhreatunnaich—is math leam a chluinntinn gum bheil na pàisdean a’ soirbheachadh. Ach innis so dhomh;—am bheil Ailbeart beag, Prionnsa na h-Adhailt,* co tapaidh ris an leanabh-gille so agamsa, nach ’eil fathast ach beagan mhìos a dh’aois—a rugadh am measg nan tonn atmhor, geala, gàireach—agus aig nach ’eil pàilliun ach garbh-aigeal a’ chuain ànradhaich?” Caiptean.—“Cha’n ’eil è gu dearbh, agus cha bu dual màthar da a bhi mar sin, oir is boirionnach beag Ban-righinn Bhreatuinn.” Neptun.—“Ciod sin a thubhairt thu, a chaiptein—Ban-righinn Bhreatuinn na boirionnach beag! Am boirionnach is mò air an talamh, gidheadh a’d’ bharail-sa tha i beag! Smuainich car tiota cò i, agus cò iad na sinnseara mòra, gaisgeil, cruadalach, o’n d’thàinig i. B’eòlach mise air rìghribh Shasuinn agus Albainn rè iomadh linn air ais, agus b’iad fein an laochraidh threun agus chalma. Smuainich air fad, leud, agus farsuingeachd nan riòghachdan, nan tìrean, agus nan eileanan, thairis air am bheil uachdaranachd an diugh aig Ban-righinn Bhictoria,—agus an abair thu an sin gum bheil i beag? Cha’n eil a’ ghrian a’ luidhe air na tìribh thairis air am bheil i a’ riaghladh. Tha i na farmad do chumhachdaibh an domhain, agus na cùis-eagail do gach rìoghachd nàimhdeil! ’N aon fhocal, tha i mòr, mòr!” Caiptean.—“Tha fios agam gum bheil i mòr mar bhan-righinn, ach beag mar bhoirionnach—mòr a thaobh dreuchda, ach beag a thaobh pearsaidh.” Neptun.—“Ro cheart; ro cheart. Ach, a chaiptein, cha’n ’eil uine ri chall. So, òlamaid deoch-slàinte deagh Bhan-righinn Bhreatuinn, agus a deagh Chompanaich. Fàs agus gràs da’n dithis chloinne; agus ’gum b’ann a lìonas sliochd nan daoine còire brògan an aithriche.’ Do thaobh an Teaghlaich Rìoghal uile, guidheamaid,— “Beatha shona a’s bhuan doibh, Slainte bhos agus shuas doibh; Sliochd an sliochd, ’s gach sliochd uath-san. Feadh gach linn gu robh sluaghmhor a’s mor.” Caiptean.—“Tha mi fad a’ d’ chomain, a rìgh nan tonn beucach, airson do dheagh rùin do n rìogachd sin do’m buin mise, agus d’a riaghlairibh—do dheagh rùin, a chuir thu an céill co h-ullamh, h-eallamh, deas-chainnteach.” Neptun.—“A nis, a chaiptein, feumar a bhi ’deanamh deas gu dealachadh. Is maiseacch gu cinnteach an long so agus, a réir coslais, is gleusda agus is ealanta a sgioba: ach ar leam féin gum bheil mi ’faicsinn sluagh air bòrd nach robh riamh roimhe a’m chrìochaibhsa, agus saoilidh mi nach bu mhisd iad an aghaidhean a nigheadh, agus am feusagan a bhearradh, mu’n téid iad thar a’ chrios mhòr.” Caiptean.—“Tha sin, Rìgh Neptuin, gu h-iomlan aig bhur toil-sa.” Neptun.—“’Si mo thoil-sa, matà, gu’n deanar e, agus sin air ball.” Air do Neptun labhairt mar so, buailidh e an clàr-uachdar leis an t-sleagh bhios ’na làimh, a chuireas an long gu iomlan air chrith! An sin glaodhaidh e ri a luchd-frithealaidh, ag ràdh, “Thigibh an so, mo ghillean tapaidh! Nighibh, glanaibh, agus bearraibh, gach mac màthar a ta nan coigrich; ach tha mi ’g àithneadh dhiubh a bhi bàigheal riu, agus na deanaibh dochann air uasal no ìosal.” Cha mhothaichear a nis ach cabhag, ùspairn, odhail, agus gleadhraich, thall agus a bhos! Cuid an so a’ call an treoir trid eagail, do bhrigh nach robh iad riamh roimhe nam fianuisibh air a leithid so de shealladh; cuid eile an sud, a chunnaic a leithid roimhe, làn toil-inntinn leis an fhearas-chuideachd, air doibh a bhi ’gam faicinn féin tèaruinte agus saor o gach dolaidh! Chìthear Neptun féin, le sealladh àrd agus uaibhreach, na shuidhe air a charbad, ann am meadhon a luchd-frithealaidh. Ach ged is grinn an carbad sin ann an sùilibh uachdarain a’ chuain agus a sheirbhiseach féin, is suarach e an coimeas ri carbad-cogaidh Chuchullin, mhic Shéuma, air am bheil “Oisean liath nan ceilearan” a’ toirt a’ chunntais a leanas:— “Carbad! carbad garbh a’ chòmhraig, Gluasad thar chòmhnard le bàs; Carbad cuimir luath Chuchullin, Sàr-mhac Shèuma nan cruaidh-chàs, Tha ’earr a’ lùbadh sìos mar thonn,, No ceò mu thom nan carragh geur; Solus chlocha-buadh mu’n cuairt, Mar chuan mu eathar ’san oidhche. Dh’iuthar faileasach an crann,— Suidhear ann air cnàimhibh caoin, ’Se tuineas nan sleagh a t’ann, Nan sgiath, nan lann, ’s nan laoch.” Cha bhi ach a mhàin aon de ghunnachaibh-mòra na luing aig Neptun mar charbad; ach freagraidh sin féin na bhios r’a dheanamh leis. Air do Neptun a bhi nis air a chuairteachadh leòsan deas agus deonach air géill a thoirt d’a iarrtasaibh, cuirear sios do bhroinn na luinge gach mac màthar nach robh riamh roimhe aig crios-meadhoin na talmhainn; agus suidhichear freiceadan làdair orra, gus an gairmear nìos iad aon an déigh aoin. Theid ballan mòr ’uidheamachadh, agus bithidh ochd no deich baraillean uisge air an taomadh ann. Thairis air beul a’ bhallain so cuirear sgealb fiodha, mar aite-suidhe dhoibh-san a tha gu bhi air an glanadh agus air am bearradh le seirbhisich Neptuin. Air do gach nì mar so a bhi air a dheasachadh, gairmear a nìos as an luing a’ cheud fhear a tha gu bhi air a laimhseachadh leis an luchd-frithealaidh aig righ a’ chuain. Cuirear na shuidhe e os ceann a’ bhallain, le foluch air a shùilibh, chum nach faic e ciod a ta gu tachairt da. Cuirear a’ cheisd so air, “C’àit’ an d’ rugadh e?” agus co luath ’sa dh’fhosglas e a bheul chum sin innseadh, sparraidh am bearradair bruis làn tearra a stigh ’na bheul; agus comhdaichidh e a ghnùis gu léir leis an teàrr sin, a ghnàthaicheas e an àite siabuinn! An sin glacaidh e an cearcall meirgeach ’na làimh mar ealtuinn, agus sgrìobaidh e gnùis an duine a bhios fo ’làimh leis, co cruaidh agus (Air a leantuinn air taobh 311.) MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. * Albert, Prince of Wales. [TD 311] [Vol. 7. No. 39. p. 7] (Air a leantuinn o thaobh 310.) co garbh ’s gu’n sil a shùilean, agus gum bi a ghruaidh dearg le ’fhuil féin. Air an àm cheudna; dlùthaichidh léigh Neptuin ris an duine so, agus cumaidh e searrag-fàile ri ’shroin, de nach bi, gun teagamh, fàile ro chùbhraidh; agus, ciod is miosa na sin, bithidh an t-searrag làn de bhioraibh co geur ris na snàthadaibh, a bheir gu h-ealamh fuil an duine a mach! An uair a nìthear mar so gach droch càramh air le luchd-dreuchda Neptuin, tilgear e an coinneamh a chinn sa’ bhallan-mhòr, chum faotuinn as air an dòigh is feàrr is urrainn e! Nìthear an cleas ceudna air gach duine ’san luing nach robh riamh roimhe sa’ cheàrnadh sin de’n chuan. Is iongantach an sgioba iad, an déigh dhoibh a bhi mar so air an tumadh agus air am beubanachadh. Chìtear iad bog, fliuch, salach, agus còmhdaichte le fuil, a deanamh spàirn a dh’fheuchainn cò is luathe a gheibh iad féin a ghlanadh. Is minig tha aimhreite agus tuasaid ag éiridh o na cleasaibh mi-thaitneach so. Tha cuid ann nach strìochd air chor sam bith do’n droch cleachdadh so, gus an toirear a dh’aindeoin iad gu fulang mar a dh’ainmicheadh. Tha cuid eile a’ ceannachadh saorsa dhoibh féin le h-airgiod, agus le deoch a thoirt do sheirbhisich Neptuin—nithe air an dean iad greim le’n uile chridhe. Air mòran de longaibh, cha’n ’eil na droch cleasan so a nis air an gnàthachach idir; agus air longaibh eile, cha’n feeudar dol fad air an aghaidh leo. Cha’n eil iad air chor sam bith air an ceudachadh air longaibh-imrich—’se sin, longaibh a ta ’giùlan sluaigh gu ùr-threabhachas ann an tìr chéin. O cheann beagan bhliadhnachan air ais, bha duin’-uasal àraidh a’ dol null air fairge, agus dhiult e a shaorsa a cheannachadh, agus mar an ceudna cha striochdadh e do’n chleachdadh sin air an d’thug sinn cunntas. An uair a chunnaic cuideachd Neptuin so, bhris iad a steach do sheomar an duin’-uasal,—shlaoid iad leo e dh’ ionnsuidh a’ bhallain-mhoir,—bhearr agus bhog iad e,—agus an sin leig iad air cead a choise e. Lionadh an duine le corruich, farran, agus tamailt. Thog e fianuisean air a’ charamh a dh’fhuiling e; agus an uair a rainig an long ceann a turuis, chaidh e gu lagh ris a’ chaiptean, do bhrigh gu’n do cheaduich e leithid de ghiulan mi-riaghailteach air a luing, agus thug e tri cheud punnd Sasunnach dheth! Cha’n ’eil teagamh nach ’eil fearas-chuideach na ni taitneach air cuan-thurus fada, an uair a bhios cuideachd mhor air an druideadh suas ann an luing, agus nach faic iad re iomadh la ach na speuran os an ceann, agus an cuan mor, farsuing, fosgailte, ceithir-thimchoill orra; ach an deigh sin uile, co aca tha daoine air muir no air tir, bu choir do gach sugradh agus cridhealas a ghnathaichear leo a bhi air gach seol gun chron do dhuine sam bith, agus nan nithibh neo-lochdach annta fein, do nach faighear coire le lagh Dhe no dhaoine.—Cuairtear nan Gleann, 1843. Am Feillire. APRIL, 1899. 1 Di-satharna Là na gogaireachd. 2 DI-DONAICH Di-donaich Càisg. 3 Di-luain Binn Chlann Ghriogair, 1603 4 Di-mairt Bàs Righ Raibeart III, 1406. 5 Di-ciaduin Faotainn a mach Chanada, 1497. 6 Dior-daoin 7 Di-haoine 8 Di-satharna Breith Iain Loudoin, 1783. 9 DI-DONAICH Di-donaich Mion-chàisg. 10 Di-luain 11 Di-mairt Bàs Iain Ghalt, 1839. 12 Di-ciaduin Bàs Dheòrsa Cheyne, 1743. 13 Dior-daoin Breith Raibeart Heron, 1807. 14 Di-haoine 15 Di-satharna Bàs Alasdair Gharden, 1791. 16 DI-DONAICH II. Donaich an déigh Càisge. 17 Di-luain An Fhéill Dhonnain. 18 Di-mairt An Fhéill Mholio. 19 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart II., 1390. 20 Dior-daoin 21 Di-haoine Coinneamh Ghlinn’-Eilge, 1653. 22 Di-satharna 23 DI-DONAICH III. Donaich an déigh Càisge. 24 Di-luain Ardsgoil Dhuneideann, 1582. 25 Di-mairt Crunadh Caluim “Ceannmòr” 1057. 26 Di-ciaduin 27 Dior-daoin Blar Dhunbar, 1296. 28 Di-haoine 29 Di-satharna 30 DI-DONAICH Blar Fhontenoi, 1745. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 3, U. 7, M. 42 M An Solus Ur, L. 10, U. 2, M. 7 M A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 6, M. 29 F An Solus Lan, L. 25, U. 3, M. 8 F THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Iarr air na Marsantan EDDY’S “EAGLE” Parlor Matches 200s. “EAGLE” Parlor Matches 100s. “VICTORIA” Parlor Matches 65s. “LITTLE COMET” Parlor Matches AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL. GUN SEAD PRONNAISG. The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. [TD 312] [Vol. 7. No. 39. p. 8] CEANN AGUS EARBULL NA NATHRACH. Fad ùine mhòir (arsa sgeul Innseanach) lean earbull na nathrach an ceann; agus ceart mar bu mhiann leis a’ cheann imeachd no dol, chaidh an an t-earbull gun ghearan a’s gun chasaid. Ach, là de na làithean, dh’fhàs an t-earbull mì-thoilichte, diombach, gum biodh an ceann na uachdaran, ’s gun diog aige fèin ri ràdh. “Cha’n fhaod so a bhi ni’s faide,” ars’ an t-earbull; “ghìulan mi uaill a’ chinn mò a’s fada. Cò ’thug cead no ùghdarras dhàsan riaghailt a’ chuirp a ghabhail ’na làimh fèin?” Labhair an t-earbull a mach gu dàna,— “Cha bhi mi mar so ni’s faide, ’ga d’ leanmhuinn. Tha mi co math riut fèin le d’ mhoit. Thusa do gnàth air thoiseach, agus mise, mar thràill, air mo shlaodadh air do dhèigh! ’Bheil so ceart? Nach buin mi do’ n aon choluinn riut fein? C’arson nach biodh uachdranachd a’s ceannas agamsa air uairibh, co math a’s agad féin?” “Thusa!” ars’ an ceann; “thusa, earbuill gun tuisge, gun fhiosrachadh! Ciamar is urrainn dhuitsa a’ choluinn a riaghladh? Cha’n ’eil sùilean agad leis an lèir dhuit cunnart, no cluasan a chluinneas cunnart a’ tighinn, no eanchuinn a thuigeas ciod e cunnart, no tuisge ’chum a sheachnadh. Cha b’urrainn tubaist ni bu mhò tighinn ann ad rathad na riaghladh a’ chuirp a ghabhail. Mo thruaighe dhuit an là a ghabhas tusa ceannas na coluinn! ’Se do bhuannachd fèin an t-uachdranachd ’s an ceannas a bhi agamsa.” “Mo bhuannachd-sa!” deir an t-earbull. “Gu dearbh fèin, tha sin gu math! ’Se sin cainnt gach aon a tha uaibhreach, moiteil, ’sa tha ’saltairt air sochairean nam feadhnach a tha fòdhpa. Ma’s fìor, no ma chreidear iadsan, ’sann airson math chàich a tha iad uile ’riaghladh. Ach coma co dhiùbh, là agadsa, a’s là agamsa—greis mu seach. Bha ceannas agadsa fad ùine mhòir. Leig leamsa ’nis gabhail air thoiseach, a’s lean thusa mise, mar is tric a lean mis’ thusa.” “Cha’n ’eil comas air,” ars’ an ceann; “mar sin biodh e. Ghabh air t’aghart.” Rinn an t-earbull gàirdeachas, agus air aghart ghabh e, ’s an ceann ’ga leantuinn. ’Sa’ cheud dol a mach, ghabh e gu dìreach air aghaidh—’s gun chomas fradhairc aige c’àit’ an robh e ’dol—sìos gu dìge shalaich, làn de làthaich a’s de chlàbar tiugh. Cha robh so taitneach. Dh’fheuch an t-earbull tarruing air ais, agus le mòr shaothair fhuair e mu dheireadh a mach; ach bha an nathair uile co sallach leis a’ chlàbar, ’s nach d’aithnich aon fhear-eòlais i air an do choinnich i. ’San ath oidheirp a thug an t-earbull, chaidh e ’staigh do thom draighinn geur, driseach, far an robh an corp uile air a lot a’s air a ghearradh. Bha a phéin mòr, agus duilich ’fhulang; ach mar is mò a shaothraich an nathair dol air a h-ais, ’san is mò ’bha i air a bioradh a’s air a lot. Cha tig an t-aon là a gheibheadh i ’mach as a’ chruaidh-chàs ’san robh i, mar bhith gun do ghabh an ceann, car tamuil, an riaghladh a ris, ’s na chuidich e leis an earbull, ’s na chomhairlich e dha an doigh fhreagarach, cheart. Ach cha’n fhònadh so leis an earbull dhìorasach. Ghabh e ’ris air aghart, ’s an ceann ’ga leantuinn, gus na shnàig e ’stigh do dh’fhùrnais loisgeach, theinntich. Cha b’fhada gus na mhothaich e ’amaideachd ’sa ghòraich féin. Bha a choluinn uile air a losgadh, ’s an creutair truagh ann an dòruinn mhòir. Ghrad rinn an ceann cabhag a rìs gu còmhnadh a thoirt; ach, mo thruaighe! bha so a nis tuille a’s anmoch—bha’n t-earbull a cheana air a mhilleadh. Ràinig an tein’ a’ choluinn. Bha ’choluinn air a milleadh mar an ceudna, agus an ceann e féin air a losgadh faodheòidh. Agus ciod a thug sgrios air a’ cheann? Nach ann do bhrìgh gu’n do cheadaich e dha féin a bhi air a riaghladh leis an earbull—an t-earbuìl gun tuisge, gun eòlas? Mar sin tachraidh gu bràth do na h-uile h-aon a cheadaicheas do dh’ana-miannan ìosal a’ chuirp uachdranachd agus ceannas a ghabhail air an tuisge, an reusan, ciall a’s fiosrachadh an cinn—a leigeas le truailleachd na feòla uachdranachd a ghabhail air an duine, an àite nan aignidhean spioradail sin a tha ’tàmh ’san anam. “Mar an duine talmhaidh, is amhuil sin iadsan a tha talmhaidh; agus mar a ta duine nèamhaidh, is ann mar sin iadsan a ta nèamhaidh.”—1 Cor. xv. 48. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 313] [Vol. 7. No. 40. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 5, 1899. NO. 40. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXII. TEANNTACHD MHOR NA FEINNE. Fhad ’s a bha Niall a’ gabhail Brataichean na Feinne, bha na fir a bha ’g iarraidh gu aimhreit a thogail ’nan suidhe cho ciuin ’s cho seimh ’s a b’ urrainn a bhith. An uair a chunnaic Harst cho math ’s a bha ’n gnothach a’ cordadh riutha, thuirt e, “O’n a rinn thu gu math e, dean gu ro mhath e; thoir dhuinn a nis ‘Teanntachd mhor na Feinne.’” Ghlan Niall a ghuth agus thuirt e, “Do thaobh a’ choimh-cheangail a ta eadar an Dan so agus Brataichean na Feinne, cha ’n ’eil feum air mòran a ràdh an so. Ach tha e so-dhearbhaidh gu ’n deachaidh Cinn-fheadhna na Feinne am mach le ’m Brataichibh, agus le ’n cuideachdaibh cruaidh-bheumach, sàr-bhuilleach, mor-fheargach; gach aon a’ brosnachadh a chompanaich a chum liodairt agus sgrios an naimhdean. Mharbh iad na Lochlannaich gu leir, mar a dhearbhas an Dan so. Agus ged a mharbhadh mòran de na Fianntaibh, ghleidh iad an ar-fhaich le onair.” Latha do Phadraig ’na mhùr, Gun sailm air ùigh, ach ag òl; Ghluais e do thaigh Oisein mhic Fheinn, O ’s ann leis bu bhinn a ghlòir. Dith do bheath’; a sheanair shuairc! Ugad air chuairt thàinig sinn. A laoich threun, a’s deirge dreach, Cha d’ cur thu riamh neach mu d’ ni. Sgeul a b’ aill leam fhaotainn uat, Ogha Chumhail nan cruaidh cholg; An cath a’s teinne ’san robh ’n Fheinn, O ’n là ’ghin thu riamh ’na lorg. ’S ann agams’ tha dearbhadh sin dhut, A Phadraig ud nan salm grinn, An cath a’s teinn’ an robh na fir, O ’n là ’ghineadh Fianntaidh Fheinn. Dearmad fleagha do rinn Fionn An Alba ri linn nan laoch, Air cuid de ’n Fheinn shuas Druim-dealg, Gu ’n d’ eirich am fearg ’s am fraoch. “Ma dhìobair sibh sinne mu ’n òl,” Thuirt mac Ronain le glòir bhinn, “Bheir mise ’s Aillde glan ùr Freiteach bliadhna ri tùr Fheinn.” Thog iad gu sgiobalt’ an triall, An claidheamh ’s an sgiath ’nan luing, Is ghluais an dithis do fhearaibh ùr Gu righ Lochlann nan sliabh sliom. Fastadh bliadhna ris an righ, ’S e rinn an dithis bu gheal dreach, Mac righ Crannchur nan geur arm, Agus Aillde nach d’ eur neach. Ghabh bean righ Lochlann nan sgiath donn, Trom-ghaol mor nach robh gu deas Air aillde greadhnach nan arm geur, Gus an d’ eirich a’ cheilg leis. Dh’ eirich i o leab’ an righ: Sud an gnìomh mu ’n dhoirteadh fuil: Gu Alba rioghail nam Fiann, Thogadar an triall thar muir. Bu righ air Lochlann ’s a’ cheart uair, Fear a bhuinnigeadh buaidh ’s gach blàr; Earragan mac Ainnir nan long; A righ, bu mhath a lann ’s a lamh. Chruinnich righ Lochlann a shluagh, A chabhlach luath a bha gle dheas: Leatha dh’ eirich ri aon uair, Naoi righrean ’s an sluagh leis. Lochlannaich, a’ bhuidheann bhorb, Is glan an colg gu dol air ghleus: Thug iad am mionnan roimh ’n triall, Nach tilleadh iad is Fiann ’nan deigh. Sheol iad air na tonnaibh ard’ Gu criochaibh Alba nan arm nochd, ’S leag iad am puiblidh gu tiugh Goirid o ’n bhruth ’san robh Fionn. Teachdaireachd thainig gu Fionn, Sgeula trom chuir rium gu truagh; Comhrag nan laoch an Innis-Phail, ’G a iarraidh air an tràigh mu thuath. ’S i ’chomhairl’ a chinn aig Fionn, ’S aig maithibh na Feinne gu leir, Nighean an righ, nan gabht’ i uath’, Chur gu righ Lochlann nan arm geur. Chuir sinn uainne nighean an righ, Bu ghile cneas ’s bu ghuirme sùil; ’S chuir sinn d’a coimheadachd ceud each A b’ aille sheas riamh air sliabh, Is ceud marcach air am muin Le ’n earradh òir mar dhealradh grian. ’N uair ’thuirling i air an tràigh, Dh’ fhàg i ’na deigh na h-eich, Is thug i ceum an sin d’ an còir, ’S da ubhal òir ’na laimh dheis; Lionmhoireachd oir air a h-earradh, Dealbh a’ Chrùin do ’n geill na slòigh. Do naigheachd o phobull Fheinn, Innis dhuinn, a chiabh nan cleachd. Ma rinn do bhean ort beart chlì, ’S gu ’n d’ iomair i gnìomh gu cearr; Cairdeas is comunn ri Fionn, ’S gu ’m faigheadh tu mi ’na geall. Gheibheadh tu sud is ceud each A’s aille ’sheas riamh air sliabh; Is ceud marcach air am muin, Le ’n earradh òir mar dhealradh grian. Gheibheadh tu sud is ceud corn, Dheanadh de ’n uisge ghlan fìon; ’S ge b’ e dh’ oladh asda deoch, Cha rachadh a dhochann am meud. Gheibheadh tu sud is ceud crios; Cha teid slios mu ’n teid iad eug; Leighiseadh iad leith-trom is sgìos; Seudan riomhach nam buadh saor. Gheibheadh tu sud is ceud mios, Cursa righ a dh’ arach ’ail; Ge b’ e ’ghleidheadh iad ri ’bheo, Chumadh iad duin’ òg do ghnath. Gheibheadh tu sud is ceud mac righ, A bhuinnigeadh cìs air sluaghaibh borb; Gheibheadh tu sud ’s ceud seobhag suairc, Air am bitheadh buaidh nan eun. Gheibheadh tu sud is ceud long, A sgoilteadh tonn air bhuinne borb, Air an luchdachadh gu trom, Le gach aon ni a b’ fhearr doigh. Gheibheadh tu sud is ceud greigh, Is làn glinne de chrodh barr; Ach mur foghainn leatsa sin, Tog leat do bhean, is bi triall. Cha tugainnse sìth do Aillde ùr, Na do mhaithibh na Feinne gu leir, Gun Fionn fein a thoirt fo m’ bhreith, ’S gun a’ chreach a thoirt gu traigh. Cha d’ thug thusa leat de neart, Do reir mo bheachd-sa, thar sail, Na chuireadh Fionn fo do bhreith, No bheireadh a’ chreach gu traigh. Mur gabh thu sud, soraidh leat, O chaidh d’ achuinge thar ceart; Cha ’n fhaigheadh tu cinn nan laoch, ’S cha gheilleadh dhut sluagh Innis-Phail. Cha ’n fhalbh thus a chiabh nan cleachd, A righ-bhean fharasd, a’ bheoil bhinn; Gheibheadh tu na seudan saor, Is fuireach leam fhein mar mhnaoi. Ach cha ’n fhan mi, ’cheann nan cliar, O nach caisginn d’ fhiamh is d’ fhearg; ’S o nach fhaighinn saor gu m’ bhreith Sìth do ’n iomlan de ’n Fheinn. Thionndaidh i riutha a cùl, Is mharcaich i ’n cùrsa gu dian. Bu lionmhor sròl ’ga thogail suas, ’S ’nan airm gu luath chaidh an Fheinn. Seachd fichead de mhaithibh na Feinne, Is Aillde fein air an tùs, Thuit sud le laimh Earragain mhoir Mu ’n deachaidh na sloigh an dlùths. Dh’ fhuirich Fionn fada ’na thosd, ’S laidh sprochd air an Fheinn gu leir. Co dhiongadh Earragan ’s a’ ghreis, Mu ’n leigeamaid leis ar claoidh? ’S ann bha fhreagradh sud aig Goll, An sonn bu deacair a chlaoidh. Leig eadar mi ’s Earragan ’s a’ ghreis, ’S gu ’m feuchamaid ar cleasan lùth. Mac an Luich is Ciaran-crom; Diarmad donn is mac an Leum, Do d’ dhion o bhuillibh an laoich; Cuir dithis air gach taobh mu d’ sgeith. Thoirt leat an seachd fichead fear mor Leis nach b’ fhurasda geill thoirt air thùs, ’S gu ’m foghnadh an cleasan lùth. Ochd lathan is trì tràthan, A’ sìor chur àireamh as na slòigh, Is ceann righ Lochlann nan sgiath donn, Do bhuinig Goll an naoidheamh lò. Ceithir fichead is còig mile sonn, Thuit sud le Garradh ’s le Goll, ’S a thri uiread le Oscar mo mhac-sa, ’S le Carrull a’ chneas bhain. Air an ainm a thugadh orm, A Phadraig ud nan salm grinn, Thuit leam fein agus le Fionn A choi-lion fear ris a’ cheathrar. Is mur am fear a chaidh o fheum, No ’theich ’na mhaoim a null do ’n Ghreig, De thaigh righ Lochlann, no de ’shluagh, Cha deachaidh duine do ’n tìr fein. Ach ge do thug sinn ann ar greis, Cha d’ rinn sinn an là ud ar leas: Dh’ fhàg sinn corr is leith ar Fiann Air an tràigh tha siar fo dheas. ’S nan lughainnse air mo righ, Cha mhò na ar trian ’thainig as, Sin agads’ an cath a’s teinne ’n robh ’n Fheinn, A Phadraig nan salm ’s nan glag; Is nam biodh tusa air an traigh, Air fianntaibh Phail bu mhor do mheas. Chòrd an Duan so anabarrach math ruinn uile. Chuala mise e uair is uair roimhe; ach cha ’n ’eil mi ’smaointean gu ’m fàsainn sgìth dheth ged a chluinninn uair ’s a’ mhìos e. Ach is e an toileachadh bu mhò a thug na Duain dhomh air an fheasgar ud, mar a rinn iad sìth eadar na fir a bha air thuar a dhol gu teith thar a cheile. Dhichuimhnich iad, taobh thar thaobh, na briathran searbh a labhair iad; agus mar a tha ’m facal ag radh, bha iad cho réidh ri dà cheann eich, an àm dhaibh a bhith ’dealachadh. Is iomadh uair a thug mi an aire o ’n lath’ ud, gu ’m bheil buaidh mhor aig bàrdachd mhath, agus aig sgeulachdan taitneach, air a h-uile neach aig aon àm no àm eile. Agus faodar a ràdh le fìrinn, gu ’m bheil buaidh aca air mòran dhaoine aig a h-uile àm. An uair a bhios a’ chlann bheag crosda, gearaineach, cha ’n ’eil ni a’s fhearr a chuireas saod orra na òran taitneach, ar neo, sgeulachd thaitneach. Cha mhor is fhiach a’ bhanaltrum aig nach ’eil sgeulachd, no òran. Faodaidh i bhith ciùin, ceanalta, caoimhneil, agus a bhi gle ghaolach air cloinn; ach mur aithne dhi an leanabh a thàladh, cha mhor is fhiach i. O aois leanabais gu sean aois, bha, agus tha, agus bithidh daoine glé dheidheil air sgeulachdan is òrain. Cha ’n ’eil duine air an fhearr air am bheil cuimhne againn na am fear a bhiodh a’ gabhail sgeulachd dhuinn an uair a bha sinn òg. Cha robh leabhraìchean riamh cho pailt ’s a tha iad a nis; agus tha e anabarrach comharraichte gur e ùr-sgeulachdan a th’ anns an àireamh a’s mò dhe na leabhraichean a th’ air an clo-bhualadh a h-uile bliadhna. Tha so a’ leigeadh ris dhuinn gu soilleir, gur e seann sgeulachdan agus sgeulachdan ùra, an seorsa leabhraichean a’s fhearr le daoine bhith ’leughadh. Ann an co-cheangal ris a so, feumaidh mi ni a thainig fa chomhair m’ inntinn o chionn ghoirid innseadh. Tha na h-uile anabarrach toileach faighinn troimh ’n t-saoghal gun [TD 314] [Vol. 7. No. 40. p. 2] mòran dragha, no trioblaid, no cunnairt, no gàbhaidh. Ach cha ’n ’eil e comasach do dhaoine faighinn troimh ’n t-saoghal anns an doigh so. Bha trioblaid is cunnart is gàbhadh ann o thùs, as bithidh gu latha deireannach an t-saoghail. Mur biodh na nithean so ann, cha bhiodh daoine ainmeil, iomraiteach, cliùiteach measail air son am misnich, an gaisge, an cruadail, agus am fein aicheadh. Tha, bha, agus bithidh meas air daoine a chomharraich iad fhein ann an gaisge, ann am foghlum, ann an cruadal, ann an gliocas, ann an tuigse, agus anns gach ni a tha math, measail, agus cliùiteach. A nis, an uair a tha sinn a’ leughadh eachdraidh beatha duine sam bith, is ann mar is mò a dh’ fhuiling e de chruadal, agus a b’ fhearr a chomharraich e e-fhein a’ dol troimh ’n t-saoghal, is fhearr a chòrdas eachdraidh a bheatha ruinn. Ged nach ’eil sinn fhein ag iarraidh a dhol troimh gach trioblaid is cunnart is gàbhadh do ’m bheil an àireamh a’s mo de shluagh an t-saoghail buailteach, is toigh leinn a bhith ’cluinntinn gu ’m bheil daoine eile a’ dol troimh na nithean so. Cha ’n ’eil fhios againn ciod a tha romhainn, agus is math nach ’eil; oir nam bitheadh, chailleamaid air misneach anns a’ cheud dol am mach. Chum an Cruithfhear beannaichte ’na mhor-mhathas, am falach oirnn na bha air thoiseach oirnn, agus thug e comas dhuinn cuimhne chumail air mòran dhe na chaidh seachad, a chum gu ’m biomaid a’ foghlum gliocais, ceum air cheum mar a tha sinn a’ dol air ar n-aghart troimh chùrsa na beatha. Cha ’n e mhàin gu ’m bheil sinn a’ foghlum gliocais o na chunnaic, na chuala, na dh’ fhairich, agus na dh’ fhiosraich sinn fhein; ach tha sinn mar an ceudna a’ foghlum gliocais o gach sgeul agus eachdraidh a leughas, no, a chluinneas sinn. (Ri leantuinn.) AIR CHUAIRT ’SA GHAIDHEALTACHD. An Earann mu Dheireadh. LE UILLEAM MAC COINNICH. Aig a’ Chéilidh bhiodh moran sgeulachdan aig muinntir mu na h-iongantasan a bha ri ’m faicinn an dùthchannan fad as; is bhiodh an dara sgeulaiche fiachainn ri bàrr a thoirt air an fhear eile. Bha Sgitheanach uaireigin ag obair ann an teis-meadhon Siorramachd Pheirt. Cha robh sgeulachdan aigese air dùthchannan céin, ach bha mòran aige de SGEULACHDAN MU’N EILEAN SGITHEANACH a bha ’cur ioghnadh air na Peartaich. “Fhaic sibh fhéin so, fhearabh,” ars’ esan, “an uair a théid mi dhachaidh as t-fhoghar feumaidh mi bhi air mo chasan a h-uile h-oidhche ’chumail nan càrnagan as a’ choirce gus an teid a chròdhadh!” Is e a’ chàrnag a their iad san Eilean Sgitheanach ris an easgainn. Bha Sgitheanach uaireigin eile an Glaschu fad a’ gheamhraidh. Chaidh e dhachaidh as tearrach a dheanamh an àitich; is ma chaidh is ann aige fhéin a bha na naigheachdan air iongantasan a’ bhaile mhòir. “Is ann an Glaschu,” ars’ esan, “a bha na h-uibhean mu mhò is bu bhriagha a chunnaic mi riamh. Latha dha’n robh mi aig bòrd an tigh duin’-uasail, chuir bean-an-tighe ubh mòr briagha air mo bhialaobh. Cha bu luaithe a bhrist mi am plaosg ’sa’ léine-bheag na léum coileach mòr cìreinich buidhe as, is ghoir e air a’ bhòrd!” Cha do thaitinn Glaschu cho math ris a h-uile Sgitheanach ’sa thaitinn e ris an fhear so. Bha leth-chiallach uaireigin ’san eilean do’m b’ainm. ALASTAIR MAC GUIRMEIN. Thug Alastair turus do Ghlaschu, is air dha tilleadh dhachaidh bha e ag innseadh gur h-iad “tuathanaich a’ Bhroomielaw,” daoine mu mhosaiche e choinnich riamh ris! Chuir ministear a bh’ ann an Cille-Mhuire Alastair le uircean muice gu Fear-Thàlasgair. “Nis Alastair,” ars’ am ministear, “is e duine uasal a th’ ann am Fear-Thàlasgair, agus féumaidh tu ‘sir’ a chantuinn ris an cois a h-uile facail.” “Mata ni mise sin,” ars’ Alastair, is thog e air leis an uircean ann am poca. Choinnich Fear-Thàlasgair faisg air an tigh mhòr e, is thubhairt Alastair—“Chuir sir ministear sir mise le sir uircean, an sir poca gu sir thusa!” Mur tha fhios agaibh tha fasan a’ fas rudeigin cumanta nise a bhi A’ LOISGEADH CHORP NAM MARBH, ’s an luath an déigh sin àmhlaigeadh. Bha fear Gaidhealach ann a thug òrdugh gu ’n rachadh a chorp-sa a’ loisgeadh an déigh a bhàis. Rinn a chàirdean mar dh’ iarr e. Thainig naigheachd air a’ ghnothuch do’n taobh tuath. Chuir i ioghnadh air cuid is duilchinn air cuid eile gu’n do thachair a leithid. Bha cailleach ’san àite is ’nuair a chuala ise an sgeul ’se thubhairt i—“O m’ eudail air; bha e sgìobalta riamh; nach e thug an car as an Diabhul!” Tha e na chleachdadh aca ann an cuid de’n Ghaidhealtachd ’nuair a theid sgainneal a thogail air firionn no air boirionn, a dhol air bialaobh Fear-Ceartais—’se sin mar their sinn anns a’ Bheurla Justice of the Peace—agus MIONNACHADH GU’M BEIL IAD NEO-CHIONTACH. Ma’s e boirionnach a bheir a mionnan mar so creidear a facal is cha togar tuaileas tuilleadh oirre. Bha tuathanach beag ann am fear de na h-eileanan, is thòisich a bhean air iadach air. Chaidh e gu Fear-Ceartais an àite is dh’innis e dha fàth a thurais. “An d’ thuirt i sin riut a Mhurchaidh?” ars’ am Fear-Ceartais. “Gu dearbha-fhéine is i thubhairt,” arsa Murchadh, “agus bu bhriagach a seanchus.” “Is fhearr dhuit a dhol dachaidh,” ars’ am Fear-Ceartais, “mu ghabh ise sin na cridhe cha chuir Dia no ’n Diabhul as e!” Is minic a bha SGEUL NEONACH MU MHINISTEAR no mu fhoirfeach aig a’ Chéilidh. Bliadhna dhe na bliadhnachan bha dùbhraidh fliuch ann am fear dhe na h-eileanan. Chaidh am bàrr a bhuain, ach cha robh e ’tiormachadh, ’s bha e ’na sgrùthain is ’na thudanan a’ grodadh air na raoin. Chaidh Coinneamh-Urnuigh a chumail, is co e bu deas-bhriathraiche aice na Tormod Foirfeach. Rinn e guidhe an déigh guidhe gu ’n tigeadh gaoth is tiormachadh. An oidhche sin fhéin sheid a’ ghaoth le onfhadh mòr. Bha na tighean air feadh an àite rùiste gu ruig na cabair is cha robh sgrùthan ri fhaicinn air iomaire. Sguab a’ ghaoth leatha na bha air na raoin, is bha call mor ’san dùthaich. Choinnich Dòmhnull Gorach, Tormod Foirfeach air an rathad, is ars’ esan, “a Thormoid, an ath uair a bhios tu ag iarraidh gaoitheadh, na iarr cho buileach mòr i!” Mar tha fhios agaibh tha a’ ghaoth-an-iar, ’san iar-dheas gu math fliuch air an taobh-an-iar de ’n Ghaidhealtachd is tha a’ ghaoth-an-ear tioram. Bha droch fhoghar ann bliadhn’-eigin; is chaidh còmhlan dhaoine gu ministear na sgìre a dh’ iarraidh air Coinneamh-Urnaigh a chumail air son tiormachd. “Tha mi glé dheònach sin a dheanamh,” ars’ am ministear, “ach nach saoil sibh fhein gur fhearr dhuinn fuireach gus an tig a’ ghaoth-an-ear.” An cuala sibh MAR DH’IARR MAC-MHUIRICH SOIRBHEAS ’nuair bha e fhein ’sa ghille a seòladh? “Tog gaoth a bheir dhachaidh sinn,” ars’ am fear og. Fhreagair Mac-Mhuirich— “Gaoth o’n ear, o’n ailbhinn chiùin. Mar a dh’ òrdaich Rìgh nan Dùl— Soirbheas gun cheann gun àbhsadh Nach deanadh gniomh feallsail dùinn.” “Is bog simplidh a dh’iarr thu i,” ars am fear òg. An sin thubhairt an seann fhear— “Soirbheas beag boiteanach O àirde nam beann ’S o isle na mara, A chrathadh craobh ’S a spionadh fraoch ’S a bheireadh an seileach og as a fhriamhaich.” “Is bog sìmplidh a dh’ iarr thu i,” ars’ am fear òg.” “Bheir mise gaoth dhuit,” ars’ am Bodach— “Mu tha gaoth an ifrinn fhuar A thionndaidheas an fhairge ’na tonnan ruadha, ’Na deannan, cuir ’nar dèigh i Gus an téid i na sradagan teine-sionnchain ’S nach fhaigh air tir beo ach Mac-Mhuirich ’sa gille ’sa chù.” DROCH GHAILIG. Uaireigin bha ministeirean feadh na Gaidhealtachd aig an robh fior dhroch Ghailig. Tha eagal orm nach do theirig am pòr buileach fhathasd. Bha fear diubh a leughadh caibdeal far am beil e air innseadh dhuinn gu ’n robh Sarah ’na “boirionnach maiseach,” ach ’se thuirt am buamastair gu ’n robh Sarah na “boirionnach màsach.” Bha fear eile dhiubh so a’ leughadh caibdeal do litir an Abstoil Phòil a dh’ ionnsaidh nan Eabhrach, ach se thubhairt esan “Litir an Abstoil Phòil a dh’ ionnsaidh nan Abrach!” Bha ministear dhe ’n t-seòrsa so a leughadh a’ chaibdeal a tha toirt cunntas air an òigridh a bha ’fanaid air an fhàidh is a’ cantuinn “rach suas fhir mhaoil.” Tha e air innseadh dhuinn gu’n mhallaich am faidh iad. Cha b’ urrainn do ’n mhinistear so a’ Ghailig a leughadh, ’s bha e ag eadar-theangachadh a’ chaibdeal mar bha e dol air aghairt. ’Nuair a rainig e an earann mu’n robh mi ’bruithinn dh’ eadar-theangaich e mar so, “Rach suas fhir na sgailc, agus God damn ort!” Is e sgailc a their iad ’an cuid a dh’ àitean de ’n Ghaidhealtachd ri ceann maol. Bha ministear eile dhe’n aon seòrsa a’ searmonachadh air NEART SAMSOIN. “Nise mo chairdean,” ars’ esan, “nach bu bhloody làidir an duine Samson; thug e leis gach post ’s gach pillar is gach ‘heat!’” Bha fear eile a’ mineachadh mar thug Samson leis bonn-stéidh an teampuill. “Tha fhios agaibh,” ars’ esan “air an innleachd ris an can sinn COMHLA-BHIGEIN, a tha aig na Gaidheil air son marbhadh ghobhlachan-gaoithe is ianaibh beaga eile. Cuirear coirce no eòrna air an làr; suidhichear còmhla air cheithir stoban beaga; bidh stob aig gach oisinn di; ’nuair a thionaileas na h-eòin fo’n chòmhla, théid fear de na stuib a tharruing air falbh; tuitidh an aitreabh is marbhar na h-eòin. Sin agaibh, mo chàirdean, mar rinn Samson. Rinn e comhla-bhigein air na Burraidhean is mharbh e h-uile duine dhiubh.” Bha ministear air chuairt ann an Eilean far am beil e abhaisteach da’n t-sluagh a bhi AG ITHEADH NAN EUN MARA. Bha’n duine so a’ tional ian annasach, is dh’fhoighnich e ri Eileanach mu eòin fhiadhaich an Eilean. Fhreagair an t-Eileanach—“Dh’itheadh tu tri dhe na Seumais-Ruadha; dh’ itheadh tu dha dhe na na duibh-eunaich, ach dheanadh an langach sàth do chridhe dhuit?” Bha an duine so còltach ris an Iortach a bha ’g àiteach, is ’nuair chuala e na h-eòin mhara ris an canar na gugachan air tighinn do dh-Iort as t-Earrach, ghlaodh e— Bhuam mo chaibe, Far mo ribe— Chuala mi gug-gùg ’sa chuan. Bha Pears-Eaglais ann an ceardaich roimhe so ’s bha connsachadh eadar e-fhein ’s an gobhainn mu iomadh rud. “Tha dùil agaibh’,” ars’ an gobhainn, “nach eil duine sam bith cho ionnsaichte ribh-fhéin. Cuiridh mi geall [TD 315] [Vol. 7. No. 40. p. 3] ribh mu théid sibh a mach ’s gu’n cur sibh miar ann an toll s’ a’ bhalla gu’n innis mi dhuibh co a’ miar a chuir sibh ann. Chaidh an geall a chur, is chaidh am Pears-Eaglais a mach. ’Nuair a thainig e as teach dh’ fhoighnich e co a’ miar a chaidh ’s an toll. “Chaidh miar an amadain,” ars’ an gobhainn. Chaidh gille bha DOL A PHOSADH gu ministear air son an t-snaim a cheangal. Dh’fhoighnich a’ ministear an robh an t-airgiod-pòsaidh aige. “Ciod e urrad?” ars’ an gille. “Crùn,” ars’ am ministear. “Cha’n eil agam ach ochd-sgillinn-déug,” ars’ an gille. “Cha dean sin an gnothuch,” ars’ a’ ministear. “Mar a dean,” ars’ an gille, “feumaidh sibh luach ochd-sgillinn-deug fhein do phòsadh thoirt dhomh.” Mu chaidh am posadh ud a dheanamh ’s e is dòcha gu’n robh e rud-eigin coltach ri Phosadh Piuthar Iain Bhain. Is ann mar so a thug bard air choreigin cunntas duinn air— I-hù-ro-o, i hò-ro-o Cuiridh mi luinneag an ordugh dhuibh, I-hù-ro-o, i hò-ro o Air pòsadh piuthar Iain Bhain. ’N uair chaidh sinn a mach ris na h-aonaichean, Bha ceò, cha sneachda, bha gaoth againn; Bha sinn cho geal ris na faoileagan Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. I-hù-ro-o, &c. ’N uair thàinig sinn dhachaidh bha’n oidhch’ againn. Tigh mòr, gun solus, gun soills, againn, Cha’n fhaigheamaid fiù nan coinnleirean Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. Ach chuireadh gu grad ann an òrdugh sinn, Is shuidh sinn ’n ar prasgan mu’n bhòrd a bh’ann; ’S bha droch mhac-na-braiche ga òl againn, Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. Bha sginean air dhroch fhaobhar againn Ach forcaichean cha robh h-aon diubh againn ’S bha’n t-ìm gu ròmach, gaoisideach Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. Bha cearcan air dhroch spionadh ann— Cha d’ thug iad fiù nan sgiathan diubh— ’S an caolanan na’n sìomanan Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. A bhàrr air sin bha gruidhean againn, Bha càise làidir ruighinn againn. ’S bha àireamh dhe na h-uibhean againn Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. Bha iasg againn bha feòil againn, ’S gun mhìr di saor bho ròineagan, Bha taom de dh’ aran eor’ againn Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. Am beagan a bha dhe na h-uaislean ann Cha’n itheadh iad nì le uaibhreachas, ’S mu’n d’ thainig a mhaduinn bu truagh leibh iad, Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. Ach marbhaìsg air an fhear chiùil a bh’ann, ’S cha b’fhearr dad idir an t-ùrlar a bh’ann— Dol fodha gu ruige na glùinean ann, Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. Bha cuid a dh’fhàs sgith le fadal ann, Is cuid a bha’n tì air cadal ann, Is chuir sinn ròmhainn gu’n rachamaid Gu leabaidh le piuthar Iain Bhàin. Ach ’sann a bha ’n sealladh bu chianaile ’N uair thugadh an t-aodach-ìochdair di— Bha breac-an-teine ’na stiallan Air slias’dean piuthar Iain Bhàin. ’Nis dh’innis mi dhuibh mar a chriochanaich An t-òl, an ceòl, ’s am biadh a bh’ann, ’S na siribh an corr de’n dìomhaireachd Bh’aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. Bha ministear aig COINNEAMH-CHEASNAICHIDH, is bha amhlair ’sa’ chuideachd aig nach robh créud no paidir no freagairt ceist. “Is bochd a Mhurchaidh, nach d’ ionnsaich thu na ceistean,” ars’ a’ ministear. “Cha’n eil na ceistean uile agaibh fhéin,” arsa Murchadh. “Geall gu ’n cur mi ceist ribh nach freagair sibh.” “Cluinneam i,” ars’ a’ ministear. “Co mhiad ubh a bhios aig a’ chorra-ghriodhaich?” arsa Murchadh. “Fhalbh, fhalbh! a Mhurchaidh cha ’n ’eil math a bhi ’bruidhinn riut,” ars’ a’ ministear. GILLEASBUIG TAILLEAR. Thug Gilleasbuig Taillear, Bard Ghlinne-Moireastan freagairt geur do mhinistear. Bha Gilleasbuig a’ gabhail an rathad is sad math daoraich air. Choinnich ministear air a thug achmhasan da air son na deoch. “Cha ruig sibh a leas a’ bhi ’bruithinn mar sin,” arsa Gilleasbuig. “Tha am Biobul ag innseadh dhuinn gu’n robh an Slanuighear an uair a bha e air an talamh a measg luchd-òil aig a’ bhanais a bha’n Càna Ghalili.” “Tha,” ars a” ministear, “ach cha’n ’eil e ag innseadh dhuinn gu’n robh an daorach orra.” “Nach eil e ag innseadh dhuinn gu ’n d’òl iad na bh’aca,” arsa Gilleasbuig. AN GILLE BEAG ’S A’ MINISTEAR. Bha gille beag ann uair-eigin is thoisich e air deanamh tighe le innear each a thionail e air an rathad mhòr. Bha ministear a dol seachad, is dh’ fhoighnich e ris a ghille bheag ciod a bha e a’ deanamh. Bha am balachan air son toil-inntinn a thoirt do’n mhinistear, is thubhairt e gu’n robh Eaglais. “Romh mhath! romh mhath!” ars’ a’ ministear. “C’ait a bhi an dorus mòr?” “Bithidh ann an so,” ars’ an gille. “Is c’aite am bi na suidheachain?” “Ann an so,” ars’ an gille. “Is c’aite am bi a’ ministear?” Sheall am balachan air gach taobh dheth, is fhreagair e—“O, cha’n eil uidhir de dh’innear agam is na ni ministear.” CO-DHUNADH. Tha an sean-fhacal ag radh— “Na’m bu cheòl feadaireachd Dh’fhòghnadh beagan deth.” Fòghnaidh beagan de na sgeulachdan so nochd oir cha’n fhaodar an céilidh a chumail ro anmoch. Air an aobhar sin cuiridh mi nise gad air mo mhàileid le bhi ’guidhe gu ’n soirbhich leis gach firionn is boirionn a bhuineas do ’n Chomunn so. Faodaidh mi dha-riridh a radh ribh mar thuirt am Bodach Catach a bha ag òl deoch-slàinte air Oidhche na Bliadhn’-uire— ’Ur slainte bho liath gu leanabh, Bho chabar-sùidhidh gu làr, ’S bho bhalla gu balla— Fàs air an fhàs, Pris air an spréidh, Is féill mhath air na caileagan!” SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XXVI. Bha ’choimhearsnach, an taillear, ag eisdeachd Alnascair fad na h-uine a bha e ’bruidhinn ris fhein, agus an uair chunnaic e mar a thilg e a’ bhascaid anns an robh na glaineachan le breab a dh’ ionnsuidh na sraide, rinn e lascan mor gaire. Thuirt e ri mo bhrathair, “A dhuine gun tur gun toinnisg; bu choir dhut naire a bhith ort a chionn a leithid de dhimeas ’s de thaire a dheanamh air a’ mhnaoi oig ’s gun aobhar agad air a shon. Feumaidh gur e duine anabarrach bruideil a th’ annad, an uair nach tugadh deoir agus mise na mna-uaisle taiseachadh ort. Nam bu mhise an t-ard-chomhairleach, d’ athair-cheile, bheirinn dhut ceud buille le deadh chuip, agus chuirinn troimh shraidean a’ bhaile thu, agus do dhroch cliu sgriobhte air clar d’ aodainn.” An uair a thachair na tubaistean so do m’ bhrathair, thainig e g’ a ionnsuidh fhein, agus an uair a thug e an aire gur ann leis a’ phrois agus leis a’ mheud-mhoir a thug e am mi-fortan ud air fhein, thoisich e ri gabhail dha fhein ’s a’ cheann, ri glaodhaich, agus ri sracadh ’aodaich. Chuala na coimhearsnaich agus na daoine a bha ’dol gu urnuigh a’ mheadhain-latha, an obair a bh’ air, agus chaidh iad far an robh e. O’n a b’ e Di-haoine a bh’ ann bha barrachd dhaoine ’dol thun na h-urnuigh. Bha truas aige cuid dhiubh ri Alnascar, agus bha cuid eile a’ magadh air. Anns an am, o’n a dh’ fhalbh a mheud-mhor as an uair a chaill e chuid de ’n t-saoghal, bha e gu goirt a’ caoidh na chaill e. Bha bean-uasal ro urramach, a’ marcachd air muileid, a’ dol seachad aig an am, agus ghabh i truas ri mo bhrathair an uair a chunnaic i an staid anns an robh e. Dh’ fheoraich i co e, agus c’ar son a bha e caoidh ’s a’ gearan. Thuirt iad rithe gur e duine bochd a bh’ ann a cheannaich, leis na bh’ aige ris an t-saoghal, lan bascaid de ghlaineachan, agus gu’n do thuit a’ bhascaid air an t-sraid, agus gu’n do bhristeadh na glaineachan gu leir. An uair a chuala ’bhean uasal mar a thachair dha, thuirt i ris an t-seirbhiseach a bha maille rithe, “Thoir do ’n duine bhochd so a h-uile bonn a thachair a bhith agad. Rinn an seirbhiseach mar a dh’ aithn a bhana-mhaighstir dha, agus thug e sporran do m’ bhrathair anns an robh coig ceud bonn oir. Bha Alnascar an impis am bas fhaotainn leis cho aoibhneach ’s a bha e an uair a chunnaic e na bh’ anns an sporran. Thug e mile beannachd air a’ mhnaoi-uasail. Agus o nach robh feum aige air a’ bhuthaidh, dhuin e i, agus dh’ fhalbh e dhachaidh. An uair a bha e gu dluth a’ smaoineachadh air an fhortan a thainig ’na rathad, chuala e cuideiginn a’ bualadh aig an dorus. Mu ’n d’ fhosgail e an dorus, dh’ fheoraich e co bh’ ann; agus an uair a dh’ aithnich e air a’ ghuth gur e boirionnach a bh’ ann, dh’ fhosgail e an dorus. “A mhic,” ars’ ise, “tha mi ’g iarraidh fabhair ort. Tha uair na h-urnuigh air tighinn. Guidheam ort leig dhomh mi fhein a nigheadh, a chum gu’m bi mi freagarrach air son a dhol a dh’ urnuigh. Leig leam a dhol a steach, agus thoir dhomh mias uisge.” Sheall mo bhrathair oirre, agus chunnaic e gu’n robh i greis aoise. Ged nach b’ aithne dha i, leig e steach i, agus shuidh e far an robh e roimhe ’s e ’dol fo ’smaointean mu na thachair dha an lath’ ud. Chuir e an t-or ann an sporran fada, gus gu’m biodh e an crochadh aige ri’ chrios. Aig a’ cheart am bha ’n t-seana bhean ag urnuigh an deigh dhi a lamhan a nigheadh. An uair a bha i ullamh a dh’ urnuigh, chaidh i far an robh mo bhrathair, agus chrom i i-fhein air a bheulaobh da uair mar gu’m biodh i ’dol a dh’ urnuigh; agus ghuidh i gu’m faigheadh e mor-shonas, agus thug i moran taing dha air son cho caoimhneil ’s a bha e rithe. An uair a chunnaic e nach robh i ann deadh eideadh, shaol leis gur ann ag iarraidh deirce a bha i, an uair a chrom i i-fhein ’na lathair, agus thairg e dhi da bhonn de ’n or a bh’ aige anns an sporran. Thug i ceum air a h-ais mar gu’m biodh ioghnadh oirre a chionn mo bhrathair a thairgse deirce dhi. “Gu sealladh ni math ort!” ars, ise, “ciod is ciall da so? Am bheil e comasach, a dhuine choir, gu’n gabhadh tu mi ann an riochd aon dhe na bleidirean mimhodhail a tha ’dol gun iarraidh do thaighean dhaoine feuch am faigh iad deirc? Cum do chuid oir agad fhein. Buidheachas do Dhia, cha ’n ’eil mi ann am feum air ni sam bith. Buinidh mi do mhnaoi-uasail oig a th’ anns a’ bhaile so. Tha i anabarrach maiseach, agus gle shaoibhir; agus cha leig i eis sam bith ormsa.” Cha robh mo bhrathair cho gleusda ’s bu choir dha bhith; nan robh, dh’ fhaodadh e thuigsinn gu’n robh an t-seana bhean lan dhe na cuilbheartan, agus gu’n do dhiult i an da bhonn oir, a chum gu’m faigheadh i greim air a h-uile bonn a bh’ aige ris an t-saoghal. Dh’ fheoraich e dhi, an tugadh i cothrom dha air sealladh dhe ’n mhnaoi-uasal fhaicinn. “Le m’ uile chridhe, bheir mi dhut an cothrom sin,” ars’ ise. “Posaidh i (Air a leantuinn air taobh 318.) [TD 316] [Vol. 7. No. 40. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., MAIGH 5, 1899. NA CEILTICH. Is e Ceilteach foghluimte, blath-chridheach, dileas a bha ann an Imhear Lhud (Lhuyd). Rugadh ann an Uallaidh (Wales) , an sgoilear urramach, dichiollach so. Chaith e coig bliadhna ann an imeachd bho aite gu h-aite am measg nan Ceilteach. Bha e min-eolach air na Cuimrich, agus air a’ chanain a tha na daoine foghainteach so ’labhairt gu pongail, glan ’us proiseil, gus an latha ’n diugh. Bha e car uine ann an Cornuall, ann an Sasunn, agus fhuair e eolas fiachail air a’ chainnt a b’ abhaist do Cheiltich na siorramachd so ’labhairt mun do chriochnaich i a cuairt. Bha e anns an Fhraing, mar an ceudna, agus chuir e saothair ’us dichioll mor an gniomh ann am faotainn eolais air canain nan Ceilteach, a bha ’s a tha ’tuineachadh ann am Breatunnaidh. Bha e, ma dh’ fhaoidte, re uine fhada ann an Eirinn, agus a’ nochdadh eud ’us dealais cliuitich ann an rannsachadh na Gaidhlig Eirionnaich, maille ris gach ionmhas sonruichte ’tha i ’mealtuinn. Bha Lhud ann an Albainn, mar an ceudna, ’s choisinn e cliu ’s meas taitneach am measg nan Gaidheal. Chuir e ’mach leabhar ann an 1707, d’ an tug e an t-ainm onorach, Archaeologia Britannica. Is e ’n t-aosdan a’s sine ’s am feallsaimh a’s modha onoir am measg nan sgoilearan a bhuilich aire cheart air nan canainean Ceilteach. Ann an toiseach an leabhair, tha rannan molaidh ann an Laduinn agus ann an Gaidhlig, a sgriobh ministeirean anns a’ Ghaidhealtachd, anns am bheil iad a’ tabhairt cliu ’s buidheachais do Lhud, airson gach ni ’rinn e os leth nan Gaidheal, no nan Ceilteach, anns gach cearna far an robh dachaidh no aiteachadh aca. Bha ministeirean na Gaidhealtachd ann an laithean Lhud, ’n an sgoilearan gasda, fileanta. Tha ministeir sonruichte ’sgriobhadh air an doigh so: “Do ’n uasal oirdheirc Edward Lhuid, fear coimhead tigh nan seud an Oil-thigh Ath nan damh, an Sasunn, ughdair an Fhoclair Ghaidhlig, failte:— Gheibh thu failte an criochaibh Gaidheil, Is e do bheatha an Innse Gall; Ni gach triath riutsa comain. Tabhair mo bheannachd do Mhaighstir Liath, Do dhuisg le buaidh Foclair fial.” Tha ministeir eile ’g radh:— “Air sar o Liath biodh adh ’us cuimhne ’s buaidh, Do rinn gu h-ur a dusgadh as a h-uaimh. Gach neach ’tha fhreumh on Ghaoidhil ghleusta, gharg, ’S gach droing d’ an duth a chanain ud mar chainnt. Gach aon do chinn an treubh ’s air linne Scuit— An duais a’s fiach thu, ’s coir gu-n iocadh dhuit.” Thug Lhud moran eolais luachmhoir seachad anns an leabhair riomhach a dheasuich e. Thainig fortan iongantach orm fein; oir, fhuair mi an leabhar no an aireamh de ’n Archaeologia Britannica ’bha aig Lhud e fein, agus a b’ abhaist da ’bhi ’laimhseachadh. Cha robh Ceilteach inntinneach thall no bhos nach robh gle thoilichte an uair a rinn Lhud seirbhis co mor agus co ionnsuichte do na canainean Ceiltich. Dheasuich e leabhar eile anns an robh eolas iomadach ’us pongail ’us priseil air a thabhairt seachad mu dheibhinn iomadh cuis, ’us ceist, ’us bardachd, ’us abhaist aosmhoir, ’us sgoilearachd dhomhain, mheasail a bhuineadh do na Ceiltich anns na laithean a dh’ aom. Chaochail Lhud gu h-obann mun do chlodh-bhualadh an dara leabhar a chruinnich agus a dheasuich e. Cha deachaidh an dara leabhar riamh a chlodh-bhualadh; agus, on nach robh curam ceart air a ghabhail deth an deigh bais Lhud, thainig call mhuladach air gach Ceilteach a bha muirneach mu chanainean a dhaoine. Tha Lhud ag innseadh gu bheil sruthan ’us cnoic Shasuinn a’ giulan thar gach linn, na h-ainmean a thug na Gaidheil doibh ann an ceo nan aoisean. B’e bheachd gu d’ imrich na Gaidheil mu thuath troimh Shasunn, agus gu d’ imrich iad gus an iar mar an ceudna, ’s gu do sheol iad thar an fhairge ’tha eadar Sasunn agus Eirinn. Is e Iain Rhis (Rhys) a’s ainm do fhear-teagaisg nan canainean Ceilteach ann an Oil-thigh Ath nan damh (Oxford). Is ann an Uallaidh (Wales) a rugadh e. Sgriobh e leabhar no dha cheana anns am bheil e ’tabhairt seachad moran eolais agus eachdraidh mu na Ceiltich, anns na ginealaich a tha tosdach anns an uaigh. Tha e ag altrum nam beachdan a chuir Lhud an ceill mu ainm nan sruthan ’us nan cnoc ann an Sasunn; agus mu ’n doigh anns an d’ rainig iomadh Gaidheal an t-eilean Eirionnach troimh Uallaidh, agus thairis air an fhairge. Bho Chinntire ’s bho thaobh mu dheas Albainn bha e gle fhurasda do na Gaidheil, an deigh doibh Albainn a ruigheachd, dol thar a’ chaoil agus aitean taimh ’fhaotainn no ’dheanamh doibh fein ann an Eirinn. Tha ainmean a tha co Gaidhealach ri Beinn Nimheis r’ am faotainn ann an ceann mu dheas Albainn. Ged is e Goill a tha ’tuineachadh gu bitheanta ’nis anns na siorramachdan a tha faisg air Sasunn agus air Eirinn, thuinich na Gaidheil re iomadh bliadhna anns na h-ionadan sud, mun tug iad a liughad ainm do shruthan, ’us do dhun, do mheall, ’us do mhagh ’us uchdan. Tarff—tarbh—is e so ainm aimhne bhrais ann an taobh mu dheas na duthcha Cree—criadh; Ayr—a agus reidh—an t-uisge reidh; Doon—dubh agus an, no an amhainn dhubh; Girvan—garbh agus an; Irvine—iar agus an; Dee—da abh, no da uisge; Ken—ceann; Urr—oir; Esk—uisge; Annan—an seimh, ’us an, amhainn; Avon—amhainn; Douglas—dubh agus glas; Kelvin—coille ’s an; Lyne—linne; Leithen—liath ’us an; Earn—ear ’us an; Teviot—taobh ’us aite; Ted—teud; Gala—geal ’us a; Tweed—tuath ’us aite; Yarrow—garbh, gharbh; Enrich—an ’us riabhach. Cha ’n ’eil ann an cearna air bith ainmean Gaidhealach a’s boidhche snuadh ’us a’s grinne fuaim na iad sin. Tha ’m focal maol r’a fhaicinn gle bhitheanta. Maol Chinntire, Maol Ghall-thaobh; Galloway—Gall-thaobh, gall ’us taobh. Tha Gall-thaobh co-ionnan ri Galway, ann an Eirinn. Tairbeart—tarruing, beairt no bata; Glenluce—gleann an luis; Drummore—druim ’us mor; Blairbouré—blar ’us buidhe; Loch Ryan—loch reidh, ’us an; Machriemor—machair ’us mor; Stranraer—srath an rogha feoir; Ballantrae—baile ’n traigh; Maybole—magh ’us baile; Mauchlinne—magh ’us linne; Dalri—dal ’us righ; Dunlip—dun ’us luibe; Largs—learga; Straven—srath ’us amhainn; Inbhiravon—inbhir ’us amhainn; Melrose—meall ’us ros; Eildun—eile ’s dun; Linlithgu—linne liath dhubh. Tha na h-ainmean a th’ air aimhnichean ’us sruthan ’us puirt ’us cnoic ’us comhnardan Eirinn co fior Ghaidhealach ris na h-ainmean a tha creagan ’us glaic ’us sruthan ’us sruthan ’us aonaichean ’us cnoic a’ giulan ann an teas-meadhon na Gaidhealtachd ann an Albainn. Tha na h-Eirionnach a’ gabhail tlachd ro-mhor ann a bhi ’creidsinn gu tainig na Gaidheil, a shuidhich air tus ann an Eirinn, bho ’n Eiphit, agus bho cheann mu thuath na Spainne, ’us thairis air an fhairge stuadhach, luasganach, Bagh Bhiscaidh. Ged tha na h-Eirionnaich aghartach ’us tapaidh gu leoir, is gann a b’ urrainn d’ an sinnsirean, ann an laithean oga na seoladaireachd, imeachd thar na cuaintean leis na curaichean faoin, breoite, beag a bha aca. Tha barrachd tuigse ann mo bharail fein, gu tainig na Gaidheil on Roinn-Eorpa aig Calais, agus gu d’ imrich iad; gus fadheoidh an deachaidh iad bho thaobh mu dheas Albainn agus bho Uallaidh, gus an eilean Eirionnach. CONA. BAS SHIM FHRISEIL. Chaochail Sim Friseal, ann am Meat Cove, air an eilean so, air an 22 la dhe’n Mhàrt, an deigh dha aois ceud bliadhna ’sa dha dheug a ruigheachd. Rugadh e ann an Sheet Harbour, N. S., agus thainig e na ghill’ òg do Cheap Mabou. Cha robh aig an àm sin ach aon teaghlach a fuireach am Broad Cove. Phòs e Mairearad Nic Aoidh, am Mabou; bha ’m pòsadh air a dheanamh leis an Urr. Mr. Miller, a’ cheud mhinisteir de’n eaglais Chléirich a bha air a shuidheachadh an Ceap Breatunn. Chaidh e an deigh sin gu St. Anns, agus as a sin gu Meat Cove. Bha e ’na dhuine làidir ’na bhodhaig ’s ’na inntinn, agus bha cuimhne gheur aige a lean ris fhad ’s bu bheò e. Agus am measg gach anacothrom a dh’ fhuiling e, bha e ’na dhuine diadhaidh aig an robh deagh eòlas air innleachd na Slainte. Bha uile dhòchas air a chur ann an Criosd. Bha e dall fad cùnntas bhliadhnaichean, ach ghiulain e le sin gu foighidneach. Chochail e an deigh dha bhi tinn fad da latha dheug, agus bha a chrioch ann an sith. Dh’fhàg e ’na dheigh aon duine deug cloinne,—ochdnar mhac agus triùir nighean. Air an fhoghar s’a chaidh, shearmonaich an sgriobhadair fa chomhair anns a chainnt mhathaireil, air an robh mor mheas aige, agus bhaist e aireamh de dh’ iar-oghaichean dha ’na thigh fhéin. Thug e toileachadh mor dha bhi toirt fa-near cho measail, gràdhach ’sa bha a chlann, na h-oghaichean, us na h-iar-oghaichean gan nochdadh féin dha’n t-sean-athair aosda, liath. Gu ’m beannaicheadh Dia iad, ’s gu ’n deanadh E fein airidh iad air an athair chòir a tha ’n deigh uallach na beatha so leigeadh dheth, ’sa tha nise ’na chadal buan fo ’n fhòd. F. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI. C. B. [TD 317] [Vol. 7. No. 40. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaochail an Seanair Sutharlan, a Manitoba, Dior-daoin s’a chaidh. Bha e air aon de na ceud Ghaidheil a thainig air imrich do’n roinn sin. Rinn dotair ann am Montreal droch mhearachd an la roimhe. Bha aige ri suil sheargte a thoirt a duine, ach gu mi-fhortanach ’nuair a chaidh e dh’ obair si ’n t-suil eile thug e as, agus tha ’n duine nise gu buileach dall. Tha an t-Urr. A. S. Mac Neill, B. A., B. D., a Orangedale, an deigh a chursa ann an oil-thigh na Ban-righ’nn, a chriochnachadh, agus tha e ri cead searmonachaidh fhaotainn air an t-seachdain s’a tighinn. Tha e aig an am so a searmonachadh ann an coithional Gaidhealach faisg air Lunnainn. Tha coinneamh cleire gu bhi ann an eaglais straid Falmouth oidhche Di-ciaduin ’sa tighinn air son cead searmonachaidh a thoirt do na h-Urramaich A. H. Denoon, B. D., agus Domhnull Mac Odrum, B. A., B. D. Tha Mr. Mac Odrum a faotainn gairm o choithional Mharion Bridge, am Mira. Tha am bat-aiseig a ruith eadar Sidni us Sidni Tuath o chionn corr us seachdain. Tha an deigh air falbh gu buileach, ach cha’n eil fhios nach fhaod an deigh mhor tighinn an rathad fhathast. Tha an t-side gle bhriagha, agus ma leanas i mar sin bidh deagh shamhradh againn. Shil beagan sneachda sa mhaduinn Di-ciaduin. Chaochail duine ann an siorrachd Cholchester o chionn ghoirid, a dh’fhag tomadh anabarrach goirid. So na bh’ ann:—“Is e so mo thiomnadh deireannach. Tha mi fagail gach ni a bhuineas domh aig mo mhnaoi, agus i-fhein gu bhi ’na ban-chileadair.” Agus sheas an tiomnadh sin aig cuirt lagha cho math ’s ged a bhiodh e moran na b’ fhaide. Tha sinn a faicinn ann an aon de phaipearan Kingston, gu’n do choisinn Eachunn L. Mac Fhionghain an duais air son sgoilearachd Gailig ann an oilthigh na Ban-righ’nn. Choisinn a bhrathair, Murchadh A., duais eile is fhiach $70.00. Buinidh an dithis dhaoin’ oga so do Loch Ainslie, agus tha sinn ro thoilichte iad a bhi faighinn air adhart cho math. Fhuair iad mar an ceudna an t-urram “B. A.” a chur ri ’n ainmean. Tha comhairle na siorrachd na suidhe air an t-seachdain so. Thainig iad cruinn Di-mairt, agus tha duil ri iad a sgaoileadh an diugh no maireach. ’Se ’n obair a’s cudthromaiche th’ aca ri dheanamh, airgiod nan roidean a roinn, ni a tha fas na’s duilghe dheanamh na h-uile bliadhna, oir tha ’n t-suim a tha air a chur air leith air son an aobhair sin a sior fhas na’s lugha. Aig an am cheudna tha na roidean a sior fhas na’s miosa, agus mur deanar doigh eigin air an leasachadh, mu’n teid moran bhliadhnaichean seachad bidh aiteachan anns an t-siorrachd so gu ’n moran de choltas rathaid idir. Chaidh tigh agus sabhal le fear Ioseph Gannon, ann an Sidni Tuath a losgadh oidhche na Sabaid s’a chaidh. Am measg nan “Alderman” a bha air an taghadh ann am baile Halifacs, air an t-seachdain s’a chaidh, bha an Dotair Murchadh Siosal, duine fhuair a bhreith us arach air Loch Lomond. Bha stoirm uamhasach ann an Australia o chionn ghoirid, anns an airde ’n ear thuath. Chailleadh mu cheithir cheud beatha, agus bha faisg air ceud soitheach air am bristeadh. Tha an call air a mheas aig tri cheud mile dolair. Thachair droch sgiorradh do nighinn bhig ann an Truro. Bha i timchioll air innealan a bha ’g obair, agus rug fear de na “belts” air fhalt oirre, ’s bha ’m falt agus sgrath a cinn air a spionadh dhith. Chuir lighiche an sgrath ’na aite fhein, agus tha coltas air an nighinn gu’n teid i an feobhas. Tha am bata-smuide Marion ri toiseachadh ri ruith air na lochan air an t-seachdain s’a tighinn. Cha bhi i deanamh ’sa cheud dol a mach ach aon turus ’san t-seachdain, a fagail Shidni ’sa mhaduinn Di-luain, aig seachd uairean, agus a dol gu Baddeck us Hogamah. Bidh i fagail Hogamah, air a tilleadh, aig seachd uairean ’sa mhaduinn Di-mairt. Tha suil ri soitheach-smuide ruigheachd Chuebec mu mheadhon na seachdain s’a tighinn le corr us mile Doukohobor air bord. Chaidh i seachad air Gibraltar toiseach na seachdain s’a chaidh. Tha aireamh mhor dhe ’n t-sluagh sin a tighinn do Chanada, agus tha sin gu math ma’s a por math iad. Mur h-eadh, b’fhearr an cumail a mach. Bhrist triuir phriosanach a mach as a phriosan oidhche Di-donach s’a chaidh, Cailean Mac Neacail a bha stigh air son losgadh air duine, agus Tearlach Daly us Oswald Mac Neill, air son meairle. An oidhche sin fhein chaidh bristeadh a stigh do stor a Chaiptein Mhic Neill, agus bha dha no tri dholair a dh’airgead air an goid. Gu ruige so cha d’ fhuaireadh greim orra so, no air “Philly Bouie,” a bhrist a mach as a phriosan o chionn corr us da sheachdain. Tha obair ghraineil a dol air adhart anns na Staitean a deas, daoine geala gu mi-laghail a crochadh, a losgadh ’sa marbhadh nan daoine dubha. ’S gann gu bheil seachdain a dol seachad gun sgeul uamhasach a thighinn as na criochan sin, agus cha ’n eil guth no iomradh air na daoine tha ciontach a thoirt gu ceartas. An uiridh, bha duine dubh air a dheanamh ’na phost-mhaighstir ann an Carolina Deas, agus beagan oidhcheannan an deigh dha an oifis a ghabhail, chaidh a ghlacadh le sgioba de dhaoine geala ’sa chur gu bas. Ma chaidh iadsan a rinn an gniomh a thoirt gu cuirt air a shon, cha do chuireadh peanaist sam bith orra. Tha chuis na mhasladh mor do na Staitean, agus tha lan am aca feuchainn ri leasachadh. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 318] [Vol. 7. No. 40. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 315.) thu gle thoilichte, agus gheibh thu fortan mor leatha. Thoir leat do sporran, agus lean mise.” Bha aoibhneas anabarrach mor air mo bhrathair, araon air son na fhuair e de dh’ or, agus mar an ceudna, a chionn gu’n robh e air thuair bean mhaiseach, bheairteach fhaotainn gun dail; agus mar sin, cha do smaoinich e gu’n robh cunnart sam bith air thoiseach air. Thug e leis an sporran anns an robh an coig ceud bonn oir, agus lean e an t-seana bhean. Cha do stad i gus an do rainig i taigh mor, briagha. Bhuail i aig an dorus, agus thainig searbhanta’ og g’ a fhosgladh. Chuir an t-seana-bhean mo bhrathair a steach air an dorus roimpe fhein, agus thug i steach e do sheomar mor, maiseach anns an robh innsreadh gle bhriagha. An uair a chunnaic mo bhrathair cho briagha ’s a bha ’n seomar, bha ’m barrachd meas aige air bean an taighe. Am feadh ’s a bha ’n t-seana-bhean ag innseadh do ’n mhnaoi-uasail gu’n robh mo bhrathair ’s an taigh, bha esan ’na shuidhe ’s an t-seomar gu’n duine ach e fhein, agus o ’n a bha ’n t-side blath, chuir e dheth a cheann-aodach, agus chuir e ri’ thaobh e. Thainig a’ bhean-uasal a steach ann an uine ghoirid, agus chuir a maise agus an trusgan roimhach a bh’ uimpe, ioghnadh gu leor air. Cho luath ’s a chunnaic e i, dh’ eirich e ’na sheasamh. Dh’ iarr a’ bhean-uasal air, agus fiamh gaire air a gnuis mhaisich, suidhe; agus shuidh i fhein ri’ thaobh. Thuirt i ris gu’n robh i gle thoilichte fhaicinn; agus an uair a labhair i beagan de bhriathran taitneach ris, thuirt i, “Cha ’n ’eil sinn saorsnail gu leor an so. Thoir dhomh do lamh.” Rug i air laimh air, agus threoraich i steach e do sheomar eile far an robh i car uine labhairt ris ann am briathran a bha gle thaitneach. An uair a dh’ eirich i gu falbh am mach as an t-seomar, thuirt i ris e dh’ fhuireach far an robh e gus an tilleadh i steach, agus nach biodh i fada gun tilleadh. Bha e greis ’ga feitheamh, agus e ’gabhail fadachd gu leor nach robh i tilleadh. Ach is e thainig a steach na h-aite, duine-dubh a bha anabarrach mor, agus claidheamh ruisgte aige ’na laimh. An uair a sheall e air mo bhrathair le gruaim a bha eagalach, labhair e gu garg ris, agus thuirt e, “Ciod e an gnothach a th’ agad a bhith an so?” Ghabh Alnascar a leithid a dh’eagal roimhe ’s nach robh smid sios no suas aige. Thug an duine-dubh dheth an t-aodach, agus thug e uaithe an t-or, agus an uair a lot e ann an caochladh aiteachan e, dh’ fhag e leith mharbh ann an sid e. Ged nach b’urrainn e carachadh as a’ bhad an robh e, cha do chaill e a mhothachadh idir. Bha duil aig an duine-dhubh gu’n robh e marbh, agus dh’ iarr e salann a thoirt g’a ionnsuidh. Thainig searbhanta steach le lan meise de shalann, agus chuir i-fhein agus an duine-dubh cuid mhath dheth anns na lotan. Ach ged a bha mo bhrathair air a chradh gu h-anabarrach leis an t-salann, cha do ghluais ’s cha do ghearain e fhad ’s a bha iad a’ cur an t-salainn air. Dh’ fhag iad e far an robh e. Agus ann an uine ghoirid thainig an t-seana-bhean a steach, agus shlaod i leatha e gu dorus-falaich, a dh’ fhosgail i, agus thilg i sios e do sheomar dubh, dorcha far an robh aireamh de dhaoine a chaidh a mhort roimhe sid. Chum an salann a chuireadh anns na lotan an deo ann, agus ann am beagan uine thainig a neart air ais cho mor ’s gu’n robh comas aige air coiseachd a dheanamh. An ceann da latha bha e cho laidir gu’n deachaidh aige air an dorus-falaich fhosgladh. Ach air eagal gu’m faicteadh tighinn am mach e, dh’ fhan e far an robh e gus an d’ thainig an oidhche. Dhirich e suas troimh ’n dorus-fhalaich, agus dh’ fhalaich e e-fhein ann an oisin uaigneach dhe ’n t-seomar gus an d’ thainig an latha. An uair sin chunnaic e an t-seana-bhean a’ dol am mach air a’ gheata feuch am faigheadh i greim air daoine eile aig am biodh airgod is or gus am marbhadh, stad e far an robh e car uine, gus an do shaoil leis gu’n deachaidh i astar math air falbh, agus ’na dheigh sin thainig e far an robh mise, agus dh’ innis e dhomh a h-uile car mar a thachair dha. Ann an ceann mhios bha e cho slan ’s a bha e riamh. Chuir e roimhe gu’n deanadh e dioghaltas air an t-seana mhnaoi air son an car a thoirt as, agus an droch dhiol a rinneadh air. (Ri leantuinn.) LITIR A CEAP NOR. Ged a tha doimhne mhor shneachda againn air an talamh fad dhà no tri mhiosan, tha blàthas na seachduin so an deigh mòran dheth a thoirt air falbh, ’s cha eil an droch fheum air. Ged thuirt mi an litir a mhios s’a chaidh gu’n robh biadh spreidhe pailt gu leor ’n ar measg, ’s gann a rainig i MAC-TALLA ’n uair a dhearbh eisdeachd mo chluasan orm gur h-ann a bha chuis air atharrachadh doigh. Tha àireamh dheth na tuathanaich goirid d’ an spreidh, agus tha eagal air a mhuinntir aig am modha bheil nach urrainn iad mòran a sheachnadh; ach ’se air dòchas nach bi aon ainmhidh air a chall leis a chaoile. Saoilidh mi gu bheile fios aig MAC-TALLA gu bheil an t-àite so air a chuairteachadh le beanntan. B’ i ’bharail chumanta gu h-i ’Bhuilionn Shiucair (Sugar Loaf) binnein a’ b’ àirde de’n Bheinn-a-Tuath; ach a reir cuntais Mhurchaidh ’Ic Leoid, aon de na daoine a’s eòlaiche air feadh nam beanntan so, cha tig i idir suas ri àirde na cuid sin de’n bheinn a tha fa chomhair aite Uilleim Ghaoin aig an Eaglais Mhethodaich. Bha an Leodach là àraidh air mullach na beinne dhà no tri mhìltean an ear air a Bhuilionn Shiucair, agus air dha amharc a dh’ ionnsuidh na h-àirde ’n iar thug e fainear gu’n robh mullach beinne a’ Ghaoinich, a tha mu thrì mile ’n iar air a’ Bhuilionn Shiucair, ri faicinn gu soillear; agus gu ’n robh a Bhuilionn fhein ni b’isle na gu ’m faiceadh e sealladh idir dhi. Ged a’s e binnein na Builionn a cheud fhearann a nochdas ris a mhuinntir a sheòlas thar a chuain, o’n airde ’n ear, tha e soillear gu ’m feumadh àireamh bheag no mhòr de throidhean a bhi air a chur ri àirde beinne de’n aon àirde a bhiodh beagan mhìltean na b’ fhaide air chùl, mus nochdadh iad aig an aon àm. Tha mi ’m barail ged rachadh àirde na Beinne Tuath a thomhas anns gach àite eadar an cuan agus àite Chailein Urchadain aig braighe na h-Eantrabhail Mhòr, astar dhusan mile, nach faight i an àite sam bith ni b’isle na deich ceud troidh, agus gu ’m faight’ i an iomadh aite cho ard ri dà cheud-deug; ach cha’n eil teagamh nach ann bhàr mullach na Builionn Shiucair a chithear an sealladh is farsuinne agus is maisiche. Ri latha soillear chithear eadhon ceò meinnean guail Shidni, ged is mòr an t-astar tha eatorra. Cha sgriobh mi’n còrr an drasda mu thimchioll ar cuid bheannntan. Tha mi ’n dòchas gu’n tig MAC-TALLA a dh’ aon sgriob g’am faicinn air an t-samhradh s’a tighinn, gu’n streap e suas, mar iomadh cuairtear eile, gu mullach na Builionn Shiucair, agus gu’n toir e ’n uine ghearr cunntas d’a leughadairean mu ’timchioll ni’s fearr na chaidh a chur riamh an clò. M. D. Ceap Nor, April, 15, ’99. Tha fonn cogaidh air muinntir nan Staitean. Tha tri fichead us aon soitheach-chgaidh ur ri bhi air an togail. Bidh cuid dhiubh deiseil an ceann beagan mhiosan. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 319] [Vol. 7. No. 40. p. 7] IAIN LEATHANN AN CARBADAIR. Bha carbadair ainmeil ann an cearna de ’n Ghaidhealtachd, uair dha ’n robh an saoghal, ris an can sinn Iain Leathann—duine calma, smiorail, geur-inntinneach, neo-eisiomaileach, agus deas-bhriathrach. Ann an deisboireachd, bearradaireachd, no gearradh-cainnte, ’s ann fior ainmig a thachair a mhac-samhuill fein air Iain. Air an aobhar sin, chaidh ainm am fad ’s am fagusg. Latha de na laithean, co a bha leis anns a charbad ach fear-lagha cho sgaiteach ’s a bh’ ann an Dun-eideann ’s an àm sin. Cha robh air a Ghall ach coslas gu maith greannach, agus cha b’ fhearrde a dhreach gu ’n do chaill e a chuid mhor de fhiaclan. Thòisich na fir air tarruing as a cheile. Thug am fear-lagha an aire do ràcan bearnach taobh an rathaid mhoir. “Gu de an rud tha sid?” dh’ fhoighnich e do dh’ Iain. “Tha,” arsa Iain, “brathair dhuit fhein, ged nach d’ aithnich thu e!” “Birds of a feather gang together; A toothless rake has met his brither!” No mar a dh’ fhaodas sinn a chur ann an Gaidhlig:— “Bidh eòin de ’n aon seorsa na ’n còmhlan le cheile; Mar tha ’n da ràcan bhearnach an drasda fo m’ leirsinn. Beagan an deigh so chaidh iad seachad air Ministeir Sgireachd air an rathad, “Ciamar,” thuirt am fear glas, “a tha sibh a pàigheadh nam ministeirean anns an dùthaich so?” “Tha gu ro mhaith,” fhreagair Iain Leathann, “le deicheamh brod a choirce; agus ’nuair theid sinne do ’n eaglais Di-dòmhnaich, smuididh iad a nuas a moll mu ’r cluasan!” Bha Iain a cumail tigh-osda, cuideachd; agus latha a bha sin thainig dròbhair an rathad, agus chuir e fhein us Iain fàilte chridheil air a cheile—a thaobh b’ ainneamh duine a b’ aoidheala na Iain Leathann. Chaidh an dithis a stigh do sheomar Iain fhein, far an robh botuil gu leor de dh’ iomadach seorsa deoch. B’ fheudar do dh’ Iain a dhol a mach as an t-seòmar mu ’n deachaidh tarruing a thoirt air searraig, ach dh’ fhàg e an dorus fosgailte. Dh’ fhalbh an dròbhair an sin (agus e a smaointeachadh nach robh suil ’ga fhaicinn) us thug e sgobag a botul branndai a bha air taobh-bhord laimh ris. Ach ’s math thug Iain an aire dha, ged nach do ghabh e blasad air. Thainig Iain Leathann a stigh, agus thug e lamh air botul, gu drama a thoirt do ’n drobhair. “Co a mhi-shealbh” (’se a toirt an daoileum sin as) “a chuir am botul so comhla ri càch?” ’s e beireachd air a bhotul bhranndai. “’Se puinnsean radan a th’ ann, agus mu chaidh pairt dheth a thoirt do dhuine ’sam bith, theid mise a chrochadh cho cinnteach ’sa tha mi beo!” Ghabh an drobhair an t-eagal, agus mu dheireadh thuirt e nach robh e ’ga fhaireachadh fhein gu maith! “’S ann dhuit-sa a thug iad e,” ars’ Iain. “A mach a so agus ruith sios ’us suas anns an chlobhsa cho luath ’s is urrainn dhuit, gus an tig am puinnsean a mach le fallus troimh phòraibh do chraicinn, air neo bithidh tu ’na do raganach ann an coig mionaidean!” Tha e air innseadh gun do ruith an duine bochd gus an robh e ’na shruthan falluis, agus ’n uair a thionndadh e a chulaobh bhitheadh Iain, a’ rogaire, a call a lùghais le gàireachdaich. SEASAIDH GRANND. Rugadh e ann an siorrachd Ceann-chardain, 26mh la dhe’n mhios Giblean 1805. Sgriobh e iomradh dhàn agus sgéulachd anns a’ Bheurla Albannach. ’Se mac tuathanaich bhig a bh’ ann, agus ’nuair a bha e sean gu leòr, bha e buachailleachd ’san t-samhraidh, agus ag ionnsachadh an sgoil na sgìreachd aige fhein ’sa’ gheamhraidh. Cha d’ fhuair e tuilleadh teagasg air seo. Bha e gle dhéigheil air léughadh bho thoisich agus bha e deanamh bardachd nuair nach robh e ach ceithir bliadhna deug a dh’ aois. Chuir e a mach leabhar bardachd an 1828, agus fear eile ’an 1830. Bha e ag obair am buth an Cala-nan-clach, ’sa bhliadhna 1831, agus an déigh sin lean e ris a chléirsinneachd an dà àite an Dundiagh. Bha e a’ deasachadh leabhar sgeulachdan airson clòdh-bhualaidh, nuair a fhuair e droch fhuachd, agus chaidh e dhachaidh do thuath’athair aig Affrusk, airson muthadh adhair; ach shiubhail e an sin air 14mh la dhe’n mhios Giblean 1835. Chaidh an leabhar mu dheireadh aige a chur a mach an 1836 le Raibeart Mac Neacail (Nicoll). AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a dheanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Iarr air na Marsantan EDDY’S “EAGLE” Parlor Matches 200s. “EAGLE” Parlor Matches 100s. “VICTORIA” Parlor Matches 65s. “LITTLE COMET” Parlor Matches AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL. GUN SRAD PRONNAISG. The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 320] [Vol. 7. No. 40. p. 8] Oran an Tombaco. Tha mi fodh airtail gun tombaco Cha’n eil m’ aigne ach ìosal, Cha’n eil mi sgaiteach airson facal A’ chuir ceart na ìnnse; Tha mi an dòchas bho Dhidonaich Gu’n tig oirnn a steamboat, ’S gu faigh Mac Dhomhuill rud na phòca ’S nach bi ’m bron ’s air ìnntinn. ’Nuair a chluinnteas mi gu’n tig i Ni mo chridhe dìreadh, Gu falbh mi sios cha’n ann le ialladh Ach le fior dheagh shìnntaig; Gu ruig mi ’m bùth ’s gu faigh mi pùnnd Ged bhiodh e crùn ma’n tìll mi, Bu shuarach leam tasdan an dràsd Seach dhe làn na pìoba. Ach o’n thuit dhomh gu ’eil mi gann dhe ’S beag mo shannt air dìnnair, Cha ghabh mi port na òran ceart Cha dean mi car ach sìnneadh Treis na’n chadal treis na ’m dhùsgadh ’S gu’n sgath tùir na ’m inntinn, Sann leam a b’éibhinn a bhi ’g éiridh Dol a ghléuseadh pìoba. Ged rachainnsa dha leaba Cha bhi an cadal innte, Gu faic mi aislig na ’m tombaco ’Si gun fhacal firinn; Cha robh sporran ’s cha robh spliucan ’S cha robh cùil a’m biodh e, Nach fhad o’ dh’ fhiach mi-fhein gu dòigheil ’S cha robh òirleach free ann. Cha b’ann mar sud a b’abhaist dhòmhsa Ach bhiodh mo phòca liont’ dhe, Mo lamh an còmhnuidh ga chuir dòigheil ’Sann bu stòlda bhiodh m’ inntinn; Ach theid mi sios far a bheil Dòmhull ’S ged bhiodh còrr ’us mìle ann, Gu faigh mi pùnnd dhe’n bhogie roll Ged bhiodh e grot a sìllain. Nuair a gheibh mi ’m pùnnd sin agam Lasidh mi mo phiob leis, Gu’n toir mi pios do dh’ fhear bhios falamh ’S bi gach dad na’m chuimhne; Se mi nach di-chuimhnich ri ’m mhaireann Do gach fear a chaoimhneas; ’Sa h-uile h-aon thug smoke na dhà dhomh Bi e pàidhch’ trì fillte. Togaidh e dhiom smùr ’us aicaid Falbhidh sachd bhar m’ ìnntinn Seach mar tha mi o chionn seachdain ’S mi gun fhacal bruidhne; Gur tric mo shùil air bun a Locha Fiach an nochd a steamboat, Cha dean mi’n còrr dhe ghradhtinn tuilleadh ’S bi mi sgur dhe ìnnse. N. M. P. AN RIDIR UILLEAM GRANND. ’S ann bho Granndaich Baildornie a thainig am fear lagha ainmeil seo. Rugadh e an 1754 air bruaichean an amhuinm Speidh. Fhuair e a cheud teagasg an sgoil na sgireachd an Eilginn. An deigh sin bha e aig Colaisd an Righ an Abaradhainn, agus a rithist chaidh e gu Lunnainn airson an lagh ionnsachadh. Bha e air a thaghadh airson a bhi na phriomh fear-lagha airson Canada aig 25 bliadhna a dh’aois. Bha ’n duthaich sin fo bhuaireasan mora aig an àm sin bho na buidheannan armaichte a America a bha ga sarachadh, agus bha Mgr Grannd, a bha os cionn cuideachd saor-thoilich, aig séisd Cuebec, far an deach an Seanalair Mac Gumerait a mharbhadh. Bha e uine mhath an Canada ach bho na bha ’n duthaich cho làn chomhstri, shaoil leis gu’m bitheadh e ni’s fhearr dha tilleadh gu Breatunn. Chaidh e gu Lunnainn, ach bho nach robh e eòlach an Sasunn bha e iomadh bliadhna gun fhaotainn ni ri dheanamh, co dhiu, thainig e fo aire a’ mhorain Thurlow, nuair a bha e a’ togradh cuis an taigh nam morairean. Chaidh a thaghadh airson Shaftesbury anns a’ Pharlamaid an 1790, agus rinn e òraid no dhà a bha gle ainmeil aig an àm. Bha e na bhall Pharlamaid Chester an 1798, agus ’na phriomh-fear-lagha ’an 1799, nuair a fhuair e inbhe ridir. Chaidh e gu taobh anns a’ bhliadhna 1817, agus bho sin gu àm a bhàis bha e feitheamh a’s bitheanta comhla ri a phiuthar aig Dawlish an siorrachd Deven. Shiubhail e air an 25mh la dhe’n mhios Citein 1832 Cha do phos e riamh. FAISG AIR da bliadhna air ais, sgriobh an t-Urr. Job Roadhouse, á Seeley’s Bay, Ont, ’g ar n-ionnsuidh—Ceadaichibh dhomh innse dhuibh cho measail ’sa tha mi air K. D. C. Bha mo stamag cho dona ’s gu robh i deanamh coire do m’ amhaich, air uairibh bhiodh eagal orm gu’n caillinn mo ghuth, ach thug K. D. C. a leithid a dh’fhaoth’chadh dhomh ’s gu bheil mi creidsinn gur h-e leigheas stamaig a’s fhearr a dh’ fheuch mi riamh. A rithist sgriobh air Maigh 25, 1896, mar a leanas:—“Cha chuala mi neach sam bith a dh’fheuch K. D. C. ag radh dad na aghaidh, ach tha gach aon ’ga mholadh fhein ’s gach àite ’n teid e.” Cha toir tim smal air a chliù, agus gun teagamh ’s e ’n leigheas air cion-cnamhaidh a’s fhearr a gheibhear an Canada. Tha K. D. C. Pills mar an ceudna anabarrach math air son a chuim. Sampuill a nasgaidh. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. Am Feillire. MAIGH, 1899. 1 Di-luain A’ Bhealltuinn 2 Di-mairt Breith Iain Galt, 1779. 3 Di-ciaduin Breith Shéumais Mhic-an-Taillear, 1753. 4 Dior-daoin 5 Di-haoine Bàs an Ollaimh Mac Dhun-leibhe, 1873. 6 Di-satharna 7 DI-DONAICH V. Donaich an déigh na Càisg 8 Di-luain Bàs an Ridir Séumas Mac Coinnich 1691. 9 Di-mairt 10 Di-ciaduin Toisich ar-a-mach ’sna h-Innsean, 1857. 11 Dior-daoin 12 Di-haoine An fhéill chongail. 13 Di-satharna Bàs Donnachadh Bhàin, 1812 14 DI-DONAICH 15 Di-luain Bas Sir Séumas Domhnullach, 1857. 16 Di-mairt 17 Di-ciaduin An fhéill chatain. 18 Dior-daoin An eaglais shaor, 1843. 19 Di-haoine Fosgladh àrd-sgoil Chille Ribhinn, 1411. 20 Di-satharna 21 DI-DONAICH Di-donaich Caingis. 22 Di-luain Là Inbhir-ruairidh, 1308. 23 Di-mairt 24 Di-ciaduin Bàs Righ Daibhidh I., 1153. 25 Dior-daoin Bàs an Ridir U. Grànnd, 1832 26 Di-haoine Breith Sheasaidh Ghrànnd, 1805. 27 Di-satharna 28 DI-DONAICH Di-donaich na Trianaid. 29 Di-luain Bàs a’ Chardinal Beutonach, 1546. 30 Di-mairt 31 Di-ciaduin Bàs Ollamh Chalmers, 1825. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 2, U. 1, M. 33 F An Solus Ur, L. 9, U. 1, M. 25 F A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 0, M. 59 F An Solus Lan, L. 25, U. 1, M. 35 M An Cairteal mu dheireadh L. 31, U. 6, M. 41 F D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. [TD 321] [Vol. 7. No. 41. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 12, 1899. No. 41. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXIII. COMHRADH RI M’ MHAIGHSTIR. Cho luath ’s a shaoil mi gu’n robh mi laidir gu obair a dheanamh, chaidh mi do’n bhuthaidh; ach cha leigeadh am maighstir leam lamh a chur ann an car obrach. Thuirt mi ris gu ’m b’ fhearr leam a bhith ’deanamh beagan obrach na bhith ’nam thamh. Thuirt mi ris mar an ceudna, gu’m feumainn a bheag no mhor a dh’ obair a dheanamh feuch an coisninn beagan tuarasdail, o’n a bha mi cho fada ’nam thamh. Thainig fiamh gaire air, agus thuirt e, “Bidh do thuarasdal a cheart cho math fhad ’s a bha thu tinn ’s a bha e an uair a bha thu slan, agus ag obair gu trang. Cha do bhrist mise riamh fhathast air tuarasdal seirbhisich, ged a thachradh dha bhith car uine tinn.” An uair a thuirt e so, dh’iarr e orm a dhol a steach comhladh ris do’n t-seomar-chunntais gus am bruidhneadh e rium a thaobh gnothaich a bha sonraichte, agus a bha e toileach aig an àm a chumail an cleith air gach neach, ach orm fhein. Lean mi steach do’n t-seomar e, agus an uair a rinn an cleireach suas an t-suim a dh’ ionnsuidh an tigeadh mo thuarasdal fad na h-uine a bha mi gun chomas obair a dheanamh, chuir e an t-suim air mo bheulaobh air a’ bhord. Is gann gu’n leigeadh mo nàire leam tuarasdal nach do choisinn mi a ghabhail. An uair a leig mi ris dha gu’n robh e ’na ghnothach mi-choltach dhomh a bhith ’smaointean gu’n robh mi airidh air tuarasdal nach do choisinn mi, thuirt e, “Gabh thusa rud sam bith a gheibh thu le deadh rùn. Mur bithinnsa ’faicinn gu’m b’e mo dhleasdanas a thoirt dhut, cha’n fhaigheadh tu e. Gus a so bha thu ’nad sheirbhiseach gle dhìleas dhomhsa. Agus tha mi ’n dochas gu’n lean thu air a bhith mar sin. “A nis, tha ni sonraichte agam ri innseadh dhut; agus feumaidh tu gun ghuth a thoirt air ri neach sam bith gus an toir mi fhein cead dhut. Tha mi fhein agus dithis no triuir eile a’ dol a dh’ fhosgladh bùth mhor ann an Demerara; tha fhios agad gur ann an ceann a deas America a tha ’m baile so. Tha ’n t-aite anabarrach teith, agus tha e mar an ceudna car mi-fhallain. Ach tha e air innseadh dhomhsa le daoine a bha àireamh bhliadhnachan ann, gu ’n teid aig daoine a tha òg, laidir, fallain, air iomadh bliadhna a chur seachad ann gu ’n tinneas sam bith ’fhaireachadh, ma bhios iad a’ caitheamh am beatha le measarrachd agus le stuamachd. Ach am fear a bhios a’ gabhail na deoch laidir, cha seas a shlainte ris idir anns an aite theith ud. Tha thusa ’nad dhuine og a tha stuama anns gach doigh, cho fad ’s is aithne dhomhsa, agus is ann ort a tha mi a’ maideachadh gus do chur a null do’n àite theith ud. Ach cha’n eil thu cho math ann a d’ shlainte ’s a dh’ fheumadh tu. Bhuail e anns a’ cheann agam gu’n leiginn leat a dhol dachaidh do’n Ghaidhealtachd fad beagan mhiosan, a chum gu’m fàsadh tu làidir, agus gu ’m biodh tu mar sin na’s fulangaiche air teas an aite, agus air an obair a bhios agad ri dheanamh. Bidh do thuarasdal agad o sheachdain gu seachdain fhad ’s a bhlos tu anns a’ Ghaidhealtachd cho math ’s ged a bhiodh tu ’g obair dhomhsa anns a’ bhuthaidh. Tha mi ’n dochas gu’n aontaich thu deanamh mar a tha mi ag radh. Agus their mi so; ma thoisicheas do shlainte ri bristeadh ann an Demarara, thig thu air ais an so gun dàil sam bith.” Bha mi greis a’ smaoineachadh air na thuirt e rium mu’n d’ thug mi freagradh dha. Thainig a’ chùis cho cabhagach orm ’s nach robh fhios agam ciod a theirinn ris. Cha bu mhath leam cur ’na aghaidh; agus aig a’ cheart àm, cha robh mi cinnteach gu ’m b’e mo ghliocas falbh gu ruige duthaich a bha anabarrach teith, agus mi-fhallain. Thuirt mi ris mu dheireadh, gu’m bu mhath leam beagan ùine fhaotainn gu smaoineachadh air a’ chuis mu’n tugainn freagradh dha. Cha do mhi-chord so ris idir. An aite sin, is ann a thuirt e rium, gu’m b’e mo ghliocas aig gach am an aire thabhairt nach tugainn gealladh seachad, mur bithinn cinnteach gu’n rachadh agam air a choimhlionadh. “Bheir mi dhut seachdain gus do chomhairle chur riut fhein, agus ris an Dughallach, do charaid. Tha easan ’na dhuine turail, geurchuiseach,” ars’ esan, “agus theid mi an urras gu’n toir e dhut a’ chomhairle ’shaoileas e a thig a chum do mhath.” Air an fheasgar sin fhein chaidh mi a chur mo chomhairle ri mo charaid, Domhnull Dughallach. An uair a dh’innis mi dha facal air an fhacal mar a thuirt mo mhaighstir rium, cha robh fhios aige gu ro mhath ciod a theireadh e. Ach mu dheireadh thuirt e rium, “Mar a’s mo a ghabhas mi beachd air an tairgse a tha ’n duine coir a toirt dhut, is ann a’s fhearr a tha i cordadh rium. Ma theid thu gu ruige Demerara, agus gu’n seas do shlainte dhut, gheibh thu air aghart gu’n teagamh; sin ri radh, ma bhios tu glic, agus gu ’n seachainn thu gach uile choslas uilc. Ach mur toir thu an aire mhath dhut fhein, caillidh tu araon do chliù agus do shlàinte, agus, ma thig thu idir beo air ais, cha bhi annad ach am fìor dhiol-deirce. Cuimhnich nach ionnan Demerara agus Glasacho idir. Cha’n ’eil guth aig an deicheamh fear dhe na bheil ann an Demerara gu’m bheil Dia idir ann. Cha’n aithnich thu Di-domhnaich seach latha eile dhe ’n t-seachdain. Tha moran dhe na daoine a tha ’fuireach anns a’ bhaile anabarrach fhiadhaich, agus aineolach. A dh’ aon fhacal, olc ’s mar a tha muinntir Ghlasacho, tha muinntir Dhemerara mile uair na’s miosa.” Dh’ eisd mi le mor-aire ris na thubhairt mo charaid rium; oir bha fhios agam gu’n tugadh e dhomh a bharail gu saor, soilleir air a’ chùis. Thuirt mi ris gu’m faca mi fear a bha àireamh bhliadhnachan ann an Demerara, agus gu’n robh e air bualadh anns a’ cheann agam gu’m bu chòir dhomh a dhol a bhruidhinn ris mu’n àite. “Mo dhìchuimhn,” ars’ esan, “bha thu fhein agus triuir no cheathrar eile ag òl ’s ri beagan aimhreit is straidhlich anns an taigh aig Harst o’n a chunnaic mi mu dheireadh thu. Ma theid thu gu ruige Demerara, cha fhreagair e dhut a bhith ’cur seachad an fheasgair ann comunn luchd-òil.” “Tha e fior gu leòr gu’n robh mi anns an taigh aig Harst; ach cha robh tuasaid sam bith ’nar measg. Agus ged a bhitheadh, cha bu mhise am fear a dheanamh feum innte. Ach co bha ’g innseadh dhuibhse gu’n robh mi anns an taigh aig Harst.” “Bha, am fear a thug cuireadh dhut gus a dhol ann. Ach o’n a d’ innseadh dhomhsa gur ann gle fhad an aghaidh do thoile a chaidh thu ann, cha’n abair mi an corr riut an diugh mu’n chuis.” An ceann na seachdain thuirt mi ri m’ mhaighstir gu’n robh mi toileach a dhol gu ruige Demerara. Bha e gle thoilichte a chionn gu’n d’ aontaich mi gu’n rachainn ann. Thuirt e rium gu ’m bu chòir dhomh deanamh deiseil gun dàil sam bith gus a dhol dhachaidh do’n Ghàidhealtachd. Bha mo charaid, Domhnull Dughallach, a’ comhairleachadh dhomh falbh dhachaidh air a’ cheud chomhdhail a gheibhinn; ach an deigh na chunnaic mi anns an taigh aig Harst, bha eagal orm falbh air a’ bhàta comhladh ri fir a bha trom air an ol. Bha mi ’g am dheanamh fhein lan-chinnteach gu’m biodh an sgiobair, agus ma dh’ fhaoidte, an sgiobadh air leith iomall na daoraich fad na h-uine a bhiodh iad air an turus dhachaidh. An uair a dh’ innis mi do ’m charaid an t-aobhar a bh’ agam air son gun fhalbh air a’ bhàta so, dh’ aontaich e gu’n robh mi ceart gu leòr. Mar sin leig mi as mo cheann falbh comhladh riutha. An ceann seachdain, no deich latha, thainig bàta beag eile as a’ Ghaidhealtachd, agus shuidhich mi gu’m falbhainn dhachaidh leatha, ged a bha ’m port do’n robh i ’dol astar mòr o thaigh m’ athar. Thug mi leam biadh gu leor dhe gach seorsa an latha ’chaidh mi air bord innte aig a’ cheidhe ann an Glasacho. Bha sinn sianar air bord, agus ged nach robh aithne no eolas agamsa air fear seach fear dhe’n choignear eile, bha beagan eòlais aca san airm’ athair ’s air mo mhàthair, agus air na daoine o’n d’ thainig iad. Mu ’n d’ rainig sinn Grianaig bha sinn cho càirdeil ’s cho companta ’s ged a bhiomaid ann an cuideachd a chéile fad ùine mhòr. O’n a bha ’n t-anamoch ann, agus coltas air an oidhche gu’m biodh i [?] dorcha, chuir sinn seachad an oidhche ann an Grianaig. Chaidh sinn sgriob suas am baile a ghabhail seallaidh; agus gu cinnteach ceart cha bu shealladh taitneach an sealladh a chunnaic sinn. Bha fir is mnathan air mhisg a’ tachairt ruinn. Bha feadhainn dhiubh ann an aodach luideach, salach; agus bha feadhainn eile air an robh deadh aodach. Chaidh sinn seachad air dorsan nan taighean-òsda a bh’ air na sraidean troimh ’n robh sinn a’ coiseachd, agus bha iad gu math trang ag òl ’s a’ comhradh ’s a’ connsachadh ’s a’ glaigeal ’s a’ gleadhraich. Tha ’n sean-fhacal ag radh, Gur mo lochd duine na beinn mu’m mothaich e fhein dha. Bha sinne ’gabhail beachd air an obair ghòraich agus fhaoin a bh’ aig a’ chuideachd a bha ’deanamh mi-bhuil dhe’n airgiod a choisinn iad gu goirt, agus bha sinn a’ smaointean nach deanadh a h-aon [TD 322] [Vol. 7. No. 41. p. 2] dhinn fhein car cho gòrach sid; ach bha iadsan a’ smaointean gu ’n robh iad na bu ghlice gu mòr na na daoine a bha seachnadh nan taighean-osda mar a bha sinne. Mar a shaoileas am fear a bhios gun mhodh gur e am modh am mi-mhodh, mar sin mar an ceudna, saoilidh am fear a bhios amaideach, aig iomadh àm, gur e an t-amaideas an gliocas. So mar a labhair an duine glic o shean:—“Tha slighe ann a chithear direach le duine; ach is iad a crioch slighean a’ bhais. (Ri leantuinn.) CHUM CAIRDEAN NA GAIDHLIG. ’S i ’Ghaidhlig choir a chiad chainnt a dh’ ionnsaich a chuid a’s motha againn. Gun teagamh cha chuala moran dhinn smid Beurla riamh o bheul ar màthar. Thug sinn co-dhiu, deich no dusan bliadhna a labhairt cainnt ar màthar, ma ’n do theann sinn ri deilbh ar smaointinn anns a’ Bheurla. De sin a thachair? Chuir sinn cùl ris a’ Ghaidhlig agus thug sinn ar n-aghaidh gu buileach air a Bheurla, los gur usa leinn gu mor air an latha ’n diugh ar briathran a chur an geill anns a chainnt chruaidh Shasunnaich na anns a chainnt bhuig, liobharra sin a thug ar sinnsreadh leotha mar dhileab thairis á Tir nam Beann. An ann mar so bu choir do ’n chùis a bhith? Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu ’m beil aon neach ’n ar measg a their gu ’r ann. Cha ’n ’eil mi ’g raitinn gu ’r ann againn fhin a mhain tha choire airson mar chaidh a Ghaidhlig a dhiochuimhneachadh. Faodaidh a choire sin a bhith ’an aite no dha. Anns a cheud aite, cha ’n ’eil i air a teagasg anns na sgoilean; agus anns an darra h-aite, ma dh’ fhaoidte gu ’m beil sinn fhin ni ’s mosgadaiche ga taobh na bu choir duinn. Cha ’n ’eil mi ’g raitinn idir gur i bu choir duinn a chleachdadh an aite na Beurla; ach tha mi gu laidir de ’n bharail gu ’m faod sinn Beurla gu leoir ionnsachadh gun a Ghaidhlig a dhiochuimhneachadh. Cha ’n ’eil a h-aon ’n ar measg aig nach ’eil gaol air a mhàthair; agus bhuaithe sin, saoilidh mi gu bheil, mar an ceudna, gradh aige da ’n chainnt sin a dh’ ionnsaich i dha. Ciamar nach ’eil? ’S e fuaim binn, blasda na cainnt so a chual ar cluasan an toiseach; ’s ann le ’cuid oran beusach a bhathas ’g ar taladh agus sinn ’n ar cloinn; agus ’s ann innte a labhair sinn na ciad bhriathran leanabail neo-chiontach sin a bha na ’n aobhar thoileachaidh mhoir do na parantan caomh, curamach, dealasach a dh’ araich sinn. Tha reusan mor eil’ againn air cuimhne chumail air a Ghaidhlig: tha i na cainnt aosda. Tha daoin’ ionnsaicht’ ag innse dhuinn nach ’eil anns a Bheurla ach cainnt òg an taice rithe. Ged tha ’Ghaidhlig fior aosda, cha ’n ’eil, air a shon sin, duine sam bith an diugh a creidsinn gur ann sa’ Ghaidhlig a chuir Adhamh failt is furan air Eubh. B’ e barail an oid-fhoghluim ainmeil sin, Mac Ille Dhuibh, gu bheil i co-dhiu, ceithir mile bliadhna ’dh’ aois, agus mar so cho sean ris a Ghreugais, agus gle choltach, ni ’s sinne na ’n Laidionn. Tha eachdraidh ag innse dhuinn gu ’n robh an treas cuid de shluagh na Frainge a’ labhairt Gaidhlig gu ruig a bhliadhna 400. Cha robh facal ’ga labhairt ann a’ Sasunn ’nuair chaidh Caesar air tir ann ach Gaidhlig. Tha miltean de bhliadhnaichean bho ’n a bha sluagh na h-Alba ’comhradh ri cheile ’s a’ Ghaidhlig. Bha i ’n cleachdadh, bheag no mhor, ’san dùthaich so fhein uige so; agus bithidh i ’n cleachdadh ann cuideachd gu deireadh an t-saoghail, mar a leig sinn fhein air diochuimhn’ i. Tha mi ’n dochas nach leig! A bharrachd air gu ’r cainnt ar mathair i agus gu bheil i na canan aosda, tha iomadh reusan eile againn air a cumail ’n ar cuimhne agus a bhith dileas di. Tha i ’na cainnt bheartaich. Thug i iomadh facal boidheach an iasad do ’n Laidionn. ’Nuair a bhios facal ur ri dheanamh anns a Bheurla feumaidh i ’dhol am meinn te dheth na canain eile; ach ’n uair a bhios facal ur ri chuir ris a’ Ghaidhlig, tha storas gu leoir innte fhein gus a leasachadh. “Cha fheum i iasad, ’S cho mho dh’ iarras bhuath’.” Tha storas mor, a rithisd, air fhagail againn leis na Baird Ghaidhealach. Tha bardachd Oisean air a h-eadar-theangachadh gu h-iomadh canan eile, ach gu h-araid gu Fraingis. Tha e air a radh le daoine foghluimte nach ’eil sgriobhadh aca ’s a’ Fhraingeis a’s boidhche ’s a’s beartaiche na obair Oisean. Faodaidh sinn mar so a thuigsinn de cho fiachail ’s a tha bardachd Oisean anns a’ chainnt ’s an d’ rinneadh i; oir tha fios aig gach aon gu ’n caill sgriobhadh sam bith moran ’s an eadar-theangachadh. Tha iomadh bard ainmeil ann a dh’ fhaodainn beagan a radh mu ’n deighinn; ach cha ’n ’eil uine agam ’san àm air a bheag a sgriobhadh. Seallamaid air bardachd an fhilidh ainmeil sin, Mac Mhaighstir Alasdair. Tha anabarr sgoilearachd agus fiosrachaidh air a nochdadh dhuinn ’na chuid bardachd. Tha “Birlinn Chloinn Raonuill” na dhearbhadh laidir air foghlum a’ bhaird agus air beartas na Gaidhlig. Tha chuid oran do Phrionnsa Tearlach, mar an ceudna, ro thaitneach leis gach mac Gaidheil a chuala dad riamh mu eachdraidh na Stiubhartach, agus mu ’n eucoir a bhatar a deanamh orra. Bheireadhmaid suil a nis car tiota air bardachd Dhonnachaidh Bhàin. Leughamaid na h-orain thlachdmhoir sin, “Coire Cheathaich” agus “Beinn Dorain” Tha e duilich leam a chreidsinn gu bheil bardachd ni ’s nadurra, ni ’s beusaiche, agus ni ’s seolta ri fhaighinn ann an obair baird a sgriobh riamh ’an cainnt sam bith. Agus co a dh’ fhasadh sgith do bhi leughadh no cluinntinn bardachd Alasdair ’Ic Fhionghain? “Thairneadh e fo ’n chrann,” agus ’s iomadh cath doirbh a chunnaic e. Tha mi ’n duil nach robh e dad air deireadh air Oisean fhein ann a bhith ’toirt iomraidh air blair. Nach taitneach, blasda, firinneach a rithisd bardachd Eoghain ’Ic Lachuinn. Bha esan ’na shar sgoilear; bha e eolach air iomadh canan, ach thug e gradh air leth do ’n t-sean Ghaidhlig. Bha e cho deigheil oirre ’s gun mheas e iomchuidh teannadh ri Foclair anns a chainnt sin. Ach, creach nan creach! bhrist air a shlainte agus e gle òg, agus chaochail e ma ’m b’ urrainn da crioch a chur air an obair a ghabh e os laimh. Bha moran eile ann mar tha Iain Lom, Rob Donn, Uilleam Ros, Ailean Dall, agus Iain Mac Illeathain—baird a mhaireas an cliu fhad ’s a bhios Gaidhlig air chuimhne. ’Nar latha-ne tha Niall Mac Leoid air “toiseach na cleithne”; agus is taitneach, da rireadh, an leabhar oran a chuir e a mach, “Clarsach an Doire.” Bha iomadh sgriobhadair agus bard eil’ ann air nach urrainn mise cuimhneachadh aig an àm so; ach ’n am measg uile, cha ’n ’eil aon a’s airidhe air meas is onair na ’n t Ollamh Leodach, Caraid nan Gaidheal, ughdar an “Teachdaire Ghaidhealaich” agus “Cuairtear nan Gleann.” Cha teid ainm an duin’ uasail sin air diochuimhn’ fhad ’s a bhios Gaidhlig ’ga sgriobhadh no ’ga leughadh. Is tric a bha e air a mharbh mheadhon-oidhche aig a’ bhord-sgriobhaidh a’ cuir an ceill coir a luchd-duthcha, dha ’n d’ thug e gradh a chridhe. Am bi nair’ oirnn, mata, ged a tha sinn ’an Albainn Uir, aideachadh gu ’r meoir sinn de ’n aon chraoibh ris na daoine fiachail sin a dh’ ainmich mi, a rinn na h-uiread as leth nan Gaidheal agus na Gaidhlig! Cumadhmaid mata, suas a’ Ghaidhlig. Bitheadhmaid ’ga labhairt, ’ga sgriobhadh, agus ’ga leughadh anns a h-uile àm freagarrach. Tha mi an dochas nach bi an uine fada gus am bi Comuinn Ghaidhealach air an cur air bonn ’n ar measg ’an Ceap Breatunn, mar a tha a cheana ’an iomadh cearn’ eile far am beil an sluagh a’ deanamh dichioll mor air a’ Ghaidhlig agus cleachdannan nan Gaidheal a chumail air chuimhne. “An leig sinn eachdraidh chaomh ar tir A scriobadh dheth gach clar, ’S a Ghaidhlig choir a chuir a dhith Le linn nach tuig a gnaths; A chanain aosda, ghlormhoir, bhinn, A dhuisgeadh fuinn nam bard, Am fan sinn diomhanach gun suim Is daoi ’ga cur gu bas?” AM BRAIGHEACH GLAS. Chunnacas carribou air an t-seachdain s’a chaidh aig Loch Ainslie agus e cho dàna ’s gu’n d’thainig e gle fhaisg air aon de na taighean. Chaidh grunnan dhaoine dh’fheuchainn ri ghlacadh, ach dh’fhairtlich e orra. Bha e na bheothach anabarrach mor. SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XXVII. Gus an car a thoirt as an t-seana mhnaoi, fhuair Alnascar poca anns an do chuir e coig ceud pios glaine. Chuir e am poca so fo ’achlais, agus gus e fhein a chur as aithne, chuir e aodach seana mhna uime. Bha claidheamh goirid aige fo ’n chleoca. Air madainn araidh thachair an t-seana-bhean ris agus i air a turus feuch an tachradh duine rithe as an tugadh i an car. Chaidh e far an robh i, agus thuirt e rithe, ann an guth seana mhna, “An urrainn dut toimhsean a thoirt dhomhsa an iasad? Tha mi air ur-thighinn a Persia, agus tha coig ceud bonn oir agam, agus tha toil agam fios fhaotainn am bheil an cudam ceart annta.” “Mo bhean mhath,” ars’ an t-seana chailleach, “cha b’ urrainn duit an t-iasad iarraidh air neach bu fhreagarraiche na mise. Lean thusa mise; agus bheir mi thu far am bheil mo mhac. Is e fear-malairt airgid a th’ ann, agus toimhsaidh e an t-or dhut a nasgaidh. Greasamaid oirnn air eagal gu’m falbh e o’n taigh.” Lean mo bhrathair i do ’n taigh, agus dh’ fhosgail an t-searbhanta an dorus dhaibh. Thug i do ’n talla e, agus dh’ iarr i air fuireach ann tiotadh gus an rachadh i a dh’ iarraidh a mic. An uine ghoirid thainig an duine dubh a steach. “Thig an so, a sheana-bhean, agus lean mise,” ars’ esan ri m’ bhrathair. An uair a thuirt e so, ghabh e air aghart gus a dhol do ’n t-seomar anns an robh ’na bheachd mo bhrathair a a mharbhadh. Lean Alnascar e, agus gun dail thug e buille dha leis a’ chlaidheamh ann an cul na h-amhaich a chuir an ceann dheth. Rug e air a’ cheann anns an dara laimh, agus leis an laimh eile, shlaod e an corp leis gus an do thilg e sios e do ’n t-seomar fo thalamh, far an robh na cuirp eile. Thainig an t-searbhanta leis an t-salann mar bu ghnath leatha; ach an uair a chunnaic i Alnascar le ’chlaidheamh ruisgte ’na laimh, thilg i uaipe an salann, agus theich i. Ach rug mo bhrathair oirre, agus mharbh e i mar an ceudna. An uair a chuala an t-seana chailleach aingidh am fuaim ’s an t-sraidhlich a bha air feadh an t-seomair, ghrad thainig i steach. Rug mo bhrathair oirre, agus thuirt e rithe, “A chearachaill mhealltach, mhollaichte! am bheil thu ’g am aithneachadh?” “Ochan, a mhic!” ars’ ise ’s i air chrith le eagal, “co thu? Cha chuimhne leam d’ fhaicinn riamh.” “Cha ’n ’eil fad o’n a bha thu ’s an taigh agam ’g ad nigheadh fhein, agus a’ gabhail d’ urnuigh, A chearachaill chealgach! am bheil cuimhne agad idir air?” ars’ esan. Leig i i-fhein air a gluinean a dh’ [TD 323] [Vol. 7. No. 41. p. 3] iarraidh mathanais air, ach an aite mathanas a thoirt dhi, is ann a ghearr e i na ceithir piosan. Cha robh beo anns an taigh ach a’ bhean-uasal og, agus cha robh fios sam bith aice gu’n robh cach air an cur gu bas. Chaidh Alnascar g’ a h-iarraidh air feadh an taighe, agus fhuair e i ’na seomar fhein. Cha mhor nach deachaidh i a cochull a cridhe leis an eagal an uair a chunnaic i e. Ghuidh i air gu’n leigeadh e a beatha leatha, agus dh’ aontaich e gu toileach sin a dheanamh. “A bhaintighearna,” ars’ esan, “cia mar a chaidh agad air a bhith beo comhladh ris an t-sluagh aingidh a bha anns an taigh so? Tha mise an deigh an cur uile gu bas mar bu mhath a thoill iad o chionn fada.” “Bha mise posda ri marsanta cho onarach ’s a bha beo,” ars’ ise; “agus bhiodh an t-seana-bhean mhollaichte ud, agus mise aineolach air a doighean, a’ tighinn uair is uair g’ am fhaicinn. Air latha araidh thuirt i rium, “A bhaintighearna, tha banais mhor gus a bhith anns an taigh againn, agus tha fhios gu’n cordadh cuisean riut gle mhath nan rachadh tu thun na bainnse. Cha do stad i dhe mo chomhairleachadh gus an d’ thug i orm aontachadh gu’m falbhainn comhladh rithe. An uair a chuir mi umam an t-aodach a b’ fhearr a bh’ agam, agus a thug mi leam ceud bonn oir, lean mi i. Thug i do ’n taigh so mi, agus tha mi nis ann o chionn tri bliadhna, air mo chumail an aghaidh mo thoile leis an duine-dhubh, agus mi gle bhronach.” “Feumaidh gu’n do chuir an duine-dubh moran airgid ma seach leis an droch obair a bh’ aige,” arsa mo bhrathair. “Tha ann na dh’ fhagas tusa beairteach ri do bheo, ma bheir thu leat e,” ars’ ise. “Lean mise, agus chi thu e,” Lean Alnascar i do sheomar anns an robh caochladh chisteachan luma-lan oir is airgid; agus thug an sealladh a chunnaic e toileachadh gu leor dha. “Bi falbh,” ars’ ise, “agus faigh daoine gu leor gus na bheil an so a dh’ airgiod a thoirt air falbh.” Ghrad dh’ fhalbh mo bhrathair, agus cho luath ’s a fhuair e deichnear dhaoine gus an t-ionmhas a thoirt air falbh, thill e thun an taighe. Ciod a b’ iongantaiche leis na an geata fhaotainn fosgailte; ach is ann a bha ’n t-ioghnadh air an uair a chaidh e steach do ’n taigh agus a chunnaic e nach b’ e mhain gu’n do theich a bhean-uasal ach gu’n d’ fhuair i doigh air na bha ’dh’ ionmhas anns an taigh a thoirt leatha. Coma co dhiubh, o nach robh toil aige tilleadh air falbh lom, falamh, mar a thainig e, thoisich e ri toirt leis an innsridh a bh’ anns an taigh. B’ fhiach an t-innsreadh moran a bharrachd air na coig ceud bonn oir a thugadh uaithe. Ach an uair a chaidh e ’mach as an taigh, dhichuimhnich e an geata dhunadh. Agus an uair a chunnaic na coimhearsnaich an obair a bh-aige, thug iad fios do ’n luchd-lagha mar a bha. Chaidil Alnascar gle mhath an oidhche ud; ach anns a’ mhadainn bha fichead de mhaoir o ’n bhreithimh mu’n cuairt an taighe aige. An uair a chaidh e ’mach far an robh iad, thuirt iad ris, “Tiugainn comhladh ruinne; tha toil aig ar maighstir a bhith bruidhinn riut.” Ghuidh mo bhrathair orra foighidin a dheanamh ris, agus thairg e dhaibh suim airgid, nan leigeadh iad leis teicheadh; ach an aite eisdeachd ris, is ann a rug iad air agus cheangail iad e, agus thug iad leotha e. Thachair seann fhear-eolais do m’ bhrathair riutha air an t-sraid, agus dh’ fheoraich e dhiubh c’aite an robh iad ’g a thabhairt. An uair a dh’ innis iad dha mar a bha, thairg e suim mhath airgid dhaibh air son mo bhrathair a leigeadh as; ach cha tugadh iad cluas no geill dha. An uair a thug na maoir fa chomhair a’ bhreithimh e, dh’ fheoraich e dheth c’aite an d’ fhuair e an t-innsreadh a thug e dhachaidh an oidhche roimhe sid. “A mhaighstir,” ars’ Alnascar, “tha mi deas gus an fhirinn innseadh dhut gu saor, soilleir; ach ceadaich dhomh an toiseach a bhith cho dana ’s gu’n iarr mi a dh’ athchuinge ort nach dean thu peanas sam bith orm.” “Tha mi ’g a ghealltain sin dhut,” ars’ am breitheamh. An sin dh’ innis mo bhrathair dha gu saor, soilleir facal air an fhacal mar a dh’ eirich dha o’n latha a chaidh a’ chailleach do ’n taigh aige a ghabhail a h-urnuigh, gus an latha ’theich a bhean-uasal leis an or, an deigh dha an duine-dubh, an t-searbhanta, agus a’ chailleach a mharbhadh. Agus ghuidh e air a’ bhreitheamh gu’m fagadh e cuibhrionn dhe ’n innsreadh aige an aite na thug iad uaithe de dh’ or. An uair a chuala am breitheamh mar a bha, chuir e na maoir a dh’ iarraidh an innsridh gu leir. Chuir e ris fhein e; agus thug e teann-ordugh do mo bhrathair a bhith grad fhalbh as a’ bhaile, agus gu’n tilleadh ann gu brath tuilleadh. Bha eagal air, nam fanadh mo bhrathair anns a’ bhaile, gu’m faigheadh an righ fios gu’n d’ rinn e eucoir air. Thug Alnascar umhlachd do dh’ aithne a’ bhreithimh gun fhacal gearain, agus dh’ fhalbh e as a’ bhaile gus a dhol gu ruige baile eile. Ach thachair robair ris air an rathad, agus thug e dheth a h-uile snaithle a bha uime. An uair a chuala mise an droch naigheachd so, thug mi leam deise aodaich, agus dh’ fhalbh mi g’ a iarraidh, agus thug mi steach do ’n bhaile e an uair a bha daoine ’nan cadal. Ghabh mi curam dheth mar a ghabh mi dhe mo bhrathrean eile. Tha mi nis a’ dol dh’ innseadh dhuibh mar a thachair do Shacabac, mo shiathamh brathair. Anns a’ cheud dol am mach bha e dichiollach gu leor gus an ceud bonn airgid a dh’ fhagadh aige a chur gu feum math. Ach mu dheireadh thainig mi-fhortan ’na rathad a thug air a dhol a dh’ iarraidh na deirce; agus bha e gle ghleusda gu sin a dheanamh. Chuir e roimhe gu’n rachadh e mar bu trice do thaighean dhaoine mora, beairteach; agus gus so a dheanamh, dh’ fheumadh e an luchd-muinntir a chur air a thaobh le brosgul ’s le beul-briagha. Air latha araidh an uair a bha e ’dol seachad air taigh anabarrach mor, maiseach, chunnaic e moran sheirbhiseach mu na dorsan, agus chaidh e far an robh fear dhiubh, agus dh’ fheoraich e dheth co dha bhuineadh an taigh. “A dhuine mhath,” ars’ an seirbhiseach, “co as a thainig thusa, an uair a tha thu cur a leithid sin de cheisd ormsa? Nach ’eil gach ni a tha thu ’faicinn a’ toirt ort a thuigsinn, gur e so an luchairt aig a’ Phersianach?” Chuala mo bhrathair roimhe sid, gu’n robh na Persianaich a thainig do bhagdad ’nan daoine a bha anabarrach iochdar, agus fialaidh. Agus an uair a dh’iarr e deirce air an t-seirbhiseach, thuirt e ris, “Gabh a steach far am bheil maighstir an taighe, agus iarr deirce air; theid mi an urras nach till e air falbh falamh thu.” Thug mo bhrathair taing do ’n t-seirbhiseach, agus ghabh e steach do ’n luchairt. Bha ’n aitreamh cho mor ’s cho farsuinn ’s gu’n d’ thug e uine mhath air coiseachd o sheomar gu seomar mu’n do raing e an seomar anns an robh fear an taighe. Ged a bha na seomraichean, agus gach ni a bha ri fhaicinn troimh na h-uinneagan, anabarrach briagha, cha b’ ann orra bha ’n aire aig mo bhrathair anns an am. An uair a dh’ fhosgladh dorus an t-seomair cho briagha ’s a bh’ anns an luchairt gu leir, bha seann duine maiseach, agus feusag fhada gheal air, ’na shuidhe air langsaid anns an t-seomar. Dh’ aithnich mo bhrathair anns a’ mhionaid gu’m b’ e so fear an taighe. Labhair e ri m’ bhrathair gu siobhalta, agus dh’ fheoraich e dheth ciod a bha e ag iarraidh. “Mo thighearna,” fhreagair mo bhrathair, “is duine bochd mi aig am bheil feum air cuideachadh fhaotainn o dhaoine beairteach agus fialaidh, mar a tha sibh fein.” Cha b’ urrainn da a ghearain a dheanamh ri duine bu fhreagarraiche air a chor na ’n duine so, a bha cho ion-mholta ann am mile doigh. (Ri leantuinn.) MAIRI BHAN AGUS NA CEARCAN. LE IAIN MAC PHAIDEIN, GLASCHU. Cha robh cearcan anns an dùthaich cho math ris na cearcan aig Màiri, agus mu tha teagamh aig neach sam bith ann an dad a thubhairt mi, feòraicheadh e do Mhairi fhein, agus cuiridh mi geall cudainn, gu’n cuir Màiri a h-aonta ris a h-uile facal dheth. Ach dh’ionnsaich na cearcan aig Mairi droch cleachduinn, agus direach mar a dh’ éirich do chreudairean eile, is aithne dhuinn, agus a bhios ag iomachd air dà chois coltach ris na cearcan, an uair dh’ ionnsaicheas iad droch cleachduinn, tha e fuasach duilich leo dealachadh ris an droch cleachduinn. A nis, b’ e ’n droch cleachduinn anns na thuit na cearcan aig Mairi, a bhi a bristeadh agus ag òl na ’n uibhean. ’S i Màiri a dh’ fhaodadh a radh, ann an da-ar-rìredh, gur ceannach air an ubh an gog, agus gun teagamh, bu shuarach an ceòl do Mhàiri gogail na circe, an uair a bha a’ chearc an déigh an t-ubh òl. Thuirt Mairi fein gur h-i chearc ruadh a thòisich an toiseach air. ’S an sin an coileach, agus an taobh a stigh deth sheachdain cha robh cearc aig Màiri nach robh a suas ris a’ ghnothach, gus mu dheireadh, an d’ thainig a chùis gu aona-chennn, agus cha robh Màiri a faodainn ubh idir. Thachair dhith dol sgriob o’n tigh air latha àraidh, agus an uair a bha i nùnn gu tigh Ailean Mhic Uilleam, chunnaic i gu’n robh Ailean fein a ruamhar anns a ghàradh air cùl an taighe, agus b’ e siud a cheud sealladh a fhuair i deth dh’ Ailean o na thìll e o iasgach na h-Aird-a-near. Ach ’s e a bhuail ann an inntinn Mairi, an uair a chunnaic i Ailean, gur h-iomadh rud a chi an neach a shiùbhlas an saoghal, agus gu ’m faodadh e bhith gu ’n rachadh aig Ailean air doigh air choraiginn a thoirt dhith a chumadh na cearcan o bhi ’g òl na ’n uibhean. An uair a chunnaic Ailean Màiri a tighinn stob e an caibe anns an talamh, agus ghabh e suas gu bràigh a ghàraidh, a bha ri taobh an rathaid mhoir, agus rinn e fein agus Màiri crathadh lamh gu cridheal. An uair a thug iad tacan a seanachas, dh’ innis Màiri an rud a bha gu sònraichte aig an am ud a cuir dragh oirre, agus dh’ fheoraich i deth dh’ Ailean, am b’ aithne dha dòigh na seòil air an rachadh aice air na cearcan a thionndadh o ’n droch cleachduinn, a dh’ ionnsaich iad gun fhios ciamar. “Ma ta,” ars’ Ailean, “chuala mise, uair is uair, agus o iomadh a h-aon, gu ’n gabhadh na cearcan cumail o ’n obair sin, le gucag uibhe lionadh le mustard agus fhàgail far am faigheadh iad e.” “Mur biodh e cho fada san latha,” arsa Mairi, “dh’fhalbh mi do ’n bhùth, agus gheibhinn an mustard.” “Cha’n ’eil fhios agam,” ars’ Ailean, “nach ’eil deth mhustard a stigh aig Moir, na ni an gnothach dhuibh.” Ghlaoidh e air a mhnaoi, ’s thàinig i mach, dh’innis e dhith mar a bha, ’s thuirt a bhean gu ’n robh i beachd gu ’n robh aice deth mhustard na dheanadh an gnothach, ’s dh’ iarr i air Màiri dol a stigh. Chaidh iad a stigh uan triùir, ’s rinn Màiri tacan math céilidh, dh’ innis Ailean dhith mar a chuireadh i an (Air a leantuinn air taobh 326.) [TD 324] [Vol. 7. No. 41. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., MAIGH 12, 1899. NA CEILTICH. Is e eilean boidheach, uaine ’tha ann an Eirinn. Tha eachdraidh iongantach a tha ’dol fad air ais aig an duthaich so. Bha ’n rioghachd so ’mealtuinn soirbheachaidh laidir agus cumhachdach ann an linntean aosmhor an t-saoghail. Is iomadh righ mor, neartmhor a bha aig Eirinn; agus rinn a daoine iomadh euchd anns na bliadhnachan a tha tosdach ann an tir na di-chuimhne. Tha leabhraichean fiachail agus lan eolais mu na righrean a bha ’s a dh’ fhalbh am feadh a bha ceithir righrean anns an duthaich maille ri ard-righ na h-Eirinn, aig an robh a luchairt eireachdail ann an Tara, no ann an Teamhair. Dh’ fhalbh na laithean greadhnach ud. Thainig crioch air morachd Thara. Cha chluinnear clarsach ni ’s mo ann an talla na luchairt anns am bu nos do righrean uasal ’us ardanach Eirinn a bhi ’gabhail comhnuidh. Tha e co soilleir ri solus an latha gur iad na Gaidheil a thuinich air tus anns an eilean so, ’s a thug na h-ainmean a tha iad a’ giulan gus an latha ’n diugh, do iomadh cnoc, ’us caol, ’us camus, ’us dun, ’us meall, ’us lub, ’us port, ’us amhainn. Is ann do aon teaghlach a bhuineadh, anns na laithean a tha ciar le aois, Gaidheil Albainn agus Gaidheil Eirinn. Cha ’n ’eil Gaidhlig Eirinn co blasda, milis, fonnmhor ri Gaidhlig Oisein nan caomh dhan ’us nam beusan ciuin. Tha na h-Eirionnaich muirneach mun canain fein; agus eadhon anns na Staidean tha iad a’ dearbhadh gu bheil meas ’us miagh aca air cainnt nan daoine bho ’n tainig iad. Anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi, thug mi seachad focail Ghaidhlig a tha r’ am faotainn ann an ceann mu dheas Albainn, agus a tha ’nochdadh gur iad na Gaidheil a bhuilich air iomadh aird ’us amhainn na h-ainmean a bhitheas daonnan aca. Bheir mi ’nis ainmean a tha ’tachairt oirnn an sud agus an so ann an Eirinn, agus a tha ’cur an ceill gur Gaidhlig iad fein agus an sloinneadh. Is e ’s brigh do Eirinn, i iar fhonn. Ann an Antrim, tha na h-aimhnichean Barns, Bush, buas; Braid, braghad; Main, min; Don, dubh, an no amhainn. Anns an Doire, tha ’n amhainn Roe, ruadh; Foyle, Feabhal, fual; Eas, Esk, uisge. Ann an Donegal (Dun nan Gall) tha na sruthan Finn, geal; Suilly, suileach no saileach. Ann an Tyrone, (Tir Eoghainn) tha ’n amhainn Derg, dearg; agus Mourne, muirn. Ann an Sligo (sligeach) tha ’n amhainn Gara, garbh; Easkey, uisge; Avengorm, amhainn ghorm. So ainmean eile ’tha co Gaidhealach ri Maol Chinntire: Bangor, beann agus char; Adar, ath agus dara; Claire, clair; Fergus, fear ’us guth, no gus; Dunbeg, Dun agus beag; Shannon, sean amhainn; Deel, daol; Starr, storr; Feale, fual; Flesh, fleasc no fleasg; Lanne, linnhe; Avenbui, amhainn buidhe; Lee, liath; Bandon, ban ’us dun, no donn; Islin, is uisge ’s linn; Barrow, bearbha; Stanley, slan; Bann, bann; Tipperary, Tobar arra; Arra, a reidh; Tar, tara; Nier, an iar; Nore, an fheoir; Avenmore, amhainn ’us mor; Dublinn, dubh ’us linn; Liffey, liath ’us buidhe, bhuidhe; Dour, Dobhair; Avey, amhainn ’us an; Boyne, boinne; Dee, da ’us abh; Annalee, an liath; Camlin, cam ’us linn; Loch Erne, loch iar, an no amhainn; Melvin, meall, min; Gill, goil; Loch Conn, loch cuain; Mask, measca; Loughrea, loch riabh, riabhach; Loch Roe, loch ruadh; Loch Derg, loch dearg; Loch Doo, loch dubh; Loch Allua, allaidh; Loch Ouchter, uachdar; Loch Sheelin, sith ’us linn; Loch Neagh, loch an eathach; Loch Gur, loch gair, gearr; Loch Foyle, loch feabhail, fuail; Loch Suilly, loch suileach no saileach. Tha ainm nan eileanan Eirionnach gle Ghaidhealach: Rathlinn, rath ’us linn; Innistrahull, innis tri chaoil; Inishbofin, innis bo fionn; Inishfree, innis freadh; Inniskea, innis sgiath; Innisturk, innis torc; Innishorc, innis thorc; Leetrim, liath dhruim; Kerry, Cearraidhe, ciar; Corc, corcach; Kildare, coill, dara; Meath, midhe; Armagh, ard magh; Donn, dun; Cavan, cabhan; Cluain, Cloyne, ceann, uamha; Clonsost, cluain ’us sosta; Clonfert, cluain feart; Clonard, cluain ard; Clonakilly, cluain na coille; Clontarf, cluain tarbh; Clonegal, cluain nan Gall; Clonmel, cluain meal a; Moville, magh ’us bhile; Magherboy, magh ’us buidhe—machair; Magherros, magh ’us ros; Mayluing, magh ’us linne; Maylurg, magh an luirg; Magheralin, machair, aluinn; Bantry, ban ’us traighe; Ballydehob, baile da thaobh; Inchgeolagh, innis Gaidhealach; Ballyneen, baile ’n fhion; Kinsale, ceann ’us saile; Fermoy, fear ’us magh; Kenmare, ceann mara; Killarney, coill fhearnaidh; Dunmore, dun mor; Tralee, traigh ’us liath; Kenry, ceann ’us righ; Kilrush, coill ’us ros; Killaloe, cill da lua; Dromore, druim mor; Ballyveaghan, baile bheagan; Killediseirt, coille diseart; Kenmarra, ceann mara; Oranmore, odhar an mor; Glenamaddy, gleann ’us madadh; Carrick, carruig; Strabane, srath ’us ban; Aughnaclay, achadh nan clach; Ballyhannis, baile ’us sanas; Maolan, maol; Donros, dun ’us ros; Leck, leac; Lumavaddy, leum a’ mhadaidh; Tobermore, tobar, mor; Ballytorc, baile ’us torc; Ballina, baile ’n ath; Roscrea, ros criadh; Cahir, cathair; Crumlinn, crom ’us linn; Lisburn, lios ’us burn; Dunleck, dun ’us leac; Drogheda, drochaid ’us ath; Dunboyne, dun ’us boinne; Dunard, dun ’us ard; Rathdruim, rath ’us druim. Tha na h-ainmean a sgriobh mi ’nis ag innseadh gu cinnteach gu bheil iad fior Ghaidhealach; agus gur iad na daoine ceudna ’bhuilich mar dhileab nach teirig gu brath, na h-ainmean a tha cnoic, ’us comhnardan, ’us sruthan, ’us lochan, ’us caoil, ’us acairseidean Albainn ’us Eirinn a’ giulan thairis air teas ’us fuachd ’us stoirm ’us samchair nam bliadhnachan. CONA. UAIGH ROB RUAIDH. Thachair o chionn ghoirid, ann an Clachan Bhochuidir, seorsa do mheirle tha da-riribh nar ri aithris. ’S ann ’sa chladh so a bha’n duine iomraiteach Rob Ruadh Macgriogair air a thiodhlacadh, ceann na h-airde ’n oir do’n chladh, fo lic-lighe mhor chutdhromaich, air an robh dealbh a’ chlaidheamh a b’ abhaist da iomairt air a ghearradh, agus craobh ghiuthais agus reull, mar shuaicheantas agus mar chuimhneachan air urram agus airde an duine. Fo’n lic-lighe so chaidh iomadh aon de Chloinn Ghriogair a thiodhlacadh o linn an duine ainmeil so, agus cuid diubh gun ach o chionn beagan bhliadhnachan. Bha ainm Rob Ruaidh air a thogail gu cliuiteach, ard leis gach sgeul (cuid diubh fior, agus cuid diubh breugach) tha air an aithris mu dheibhinn ann an leabhraichean a chuireadh a mach, gu h-araidh le Sir Walter Scott. Thug an t-iomradh chaidh mar so a mach air moran dol o am gu h-am a dh’amharc na lice fo’n robh an curaidh treun ’na shineadh; ach o chionn mhios smaointich trusdair o thaobh-eiginn a thainig an rathad, gum bu ghasda ’n ni dhoibh claigeann an duine so ’ghoid as an uaigh, no cnaimhean air bith eile ’thachradh orra, mar chuimhneachan air Rob, agus mar dhearbhadh air an treuntas fein ann an tir nam beann am masg nam marbh. Thainig iad ’s an oidhche, agus thog iad an leac, chladhaich iad an uaigh, agus cha’n ’eil ag nach d’ fhuair iad lurga caillich no bodaich agus is docha claigeann; ach is cinnteach sinn nach d’fhuair iad uiread agus fiacaill no cnaimh-ludaig do chorp Rob: ach, beag no mor mar fhuair iad, thar na trusdair, na bruidean, as. Cha’n ’eil teagamh air bith nach robh tuille ’s fear no dithis mu’n cuairt a’ ghnothuich so, oir cha b’e ’n fhaoineachd an leac a thogail—cuid do na peasain leibideach, na garraich ghrannda, ghlaisneulach, a tha siubhal na duthcha air toir nithibh iongantach. ’S truagh nach b’ urrainear greim fhaotainn orra! Dhuraichdeamaid am faicinn air an tumadh gu math ’s gu ro-mhath, ’an lub nan giadh; ’na dheigh sin, air an glasadh anns a bhrangas, agus mar fhiachaibh, air na h-uile-caillich do’n chinne Ghriogarach a tha mar fhichead mile do’n aite smugaid a thilgeadh air gach aon diubh ann an clar an aodainn—na spuinneadairean salach! trusdair gun tlus gun daontachd gun tuisge! Bu choir do’ na h-uile h-aon oidhearp a thoirt air greim a dheanamh air na meirlich a thug tamailt co mor air an duthaich!—“Cuairtear nan Gleann,” 1842. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichean fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. [TD 325] [Vol. 7. No. 41. p. 5] NAIGHEACHDAN. Thainig bàs gle aithghear air fear Domhnull Steele, ann a Seana Bhridgeport, oidhche Di-luain. Chaidh e laidhe an oidhche sin ’se cho slàn sa b’ àbhaist dha bhi, ach ’sa mhaduinn Di-màirt, nuair a chaidh a bhean ’ga dhùsgadh, bha e marbh. Bha e mu thri fichead bliadhna dh’ aois, agus bha e ’g obair a càradh charbadan-guail. Oidhche na Sàbaid s’a chaidh, bha duine s bean us dithis chloinne, Domhnullaich, air an losgadh gu bàs ann an Chalky Head ceann iomallach de Newfoundland. Bha iad a còmhnuidh ann an taigh beag anns a choille, fad o thaighean eile, agus cha robh fhios aig na coimhearsnaich air mar a thachair gus an ath latha. Fhuair aon phaisde, aois shia bliadhna, as le bheatha. Thainig nighean òg a mhuinntir na h-Aimhne Meadhonaich, Isabeil Nic Neacail, ri beatha fhéin ann am Boston an la roimhe. Cha’n eil ach mu choig miosan o’n chaidh i do’n bhaile sin; cha d’ fhuair i cosnadh mar a bha dhith oirre, agus b’ fheudar dhi dhol a dh’ obair ann am factoridh. Bha ’n tuarasdal an sin cho beag ’s gur gann a bha i ’ga cumail fhéin beò; dh’fhas i tinn, agus chaidh i air aimhreit na h-inntinn cho dona ’s gun do chuir i lamh na beatha fhéin. Chaidh dithis iasgairean, Benjamin Rigs, agus Iain Scott, a bhàthadh faisg air Ceap Nor, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Bhuineadh iad do ’n t-soitheach iagaich Ruby, agus bha iad a mach ann am bata a cur lion, nuair a chaidh am bàta thairis. Chunnacas mar a thachair leothasan a bh’ air bòrd an t-soithich, agus chaidh bàta chur a mach gu san sàbhaladh ach mu ’n d’ rainig am bàta bha iadsan air a dhol fodha, ’s cha ’n fhacas iad tuilleadh. Cha d’ fhuaireadh an cuirp idir. Bu daoin’ òga, gun a bhi posd’ iad le chéile. Sgaoil comhairle na siorrachd Di-satharna s’a chàidh, an deigh roinn mhath obrach a dheanamh. Tha na tacsaichean gu bhi beagan na’s àirde am bliadhna na b’ àbhaist; feumar sin a dheanamh air son an t-siorrachd a chumail o dhol na’s truime anns na fiachan na tha i. Chaidh deich mile dolair a ghabhail an iasad air aon am banca agus luchd-fiach eile d’ an robhas a pàigheadh riabh àrd, a phàigheadh. Fhuaireadh an t-airgead sin air 4 p.c., riabh gle iseal. Di-haoine, chaidh àireamh phearsachan-eaglais us uaislean eile as na méinnean, air beulaobh na comhairle, ag guidhe gu ’n toireadh iad ionnsuidh air an lagh a chur a dh’ obair air son stad a chur air creic stuth laidir, ach dhiult iad sin a dheanamh. Beagan mu ’n do sgaoil iad Di-satharna, chuireadh Iain Dughlach, cléireach na siorrachd, as a dhreuchd, agus bha Domhull M. Mac Mhuirich air a chur ’na aite gu toiseach na bliadhna s’a tighinn. Rinneadh bàthadh muladach air Loch Phottle faisg air Sidni Tuath, Di-haoine s’a chaidh, dithis dhaoin’ òga, Bert Beutan agus Stanley Robertson, a chaidh a mach a dh’ iasgach. Dh’fhàg iad am baile mu dha uair feasgar, agus cha d’ fhuaras sgeul orra uaithe sin. Fhuaireadh am bàta anns an robh iad air a bheul fodha aig taobh an locha, agus ceap us lamhannan fir dhiubh air a chladach faisg air, ach gu ruige so cha d’ fhuaireadh na cuirp. Tha grunnd an locha lan mhaidean, agus dhraoighnichean eile, agus tha e gu math doirbh a rannsachadh. Tha diver ag obair ann o chionn dha no tri lathaichean. Thatar ag radh le cuid gu’m facas dithis dhaoin’ òga coltach riutha air a charbad-iaruinn a chaidh a mach ’sa mhaduinn Di-satharna, ach ’se ’s docha nach eil an sin ach uiread bruidhne. Bha iad nan daoin’ òga bha gle ghealltannach, agus tha am bàs air doigh cho cianail, a cur duilichinn air gach neach a bha eòlach orra. Tha luchd-riaghlaidh an rathaid-iaruinn air a dhol gu bristeadh na Sàbaid. Feasgar na Sàbaid s’a chaidh, dh’ fhalbh train à Sidni air son an luchd-turuis a thainig air a Bhruce oidhche Shathurna a thoirt gu Truro, agus an t-Sàbaid roimhe sin dh’ fhalbh train guail. Tha an t-àm stad a chur air an obair ud, air neo cha’n fhada bios latha fois aig an luchd-obrach idir. Tha’n cogadh anns na Philipines a dol leis na Geancaich na’s fhearr na bha e. Tha na nàisinnich an impis striochdadh. Tha riaghladh nan Stàitean a toirt cead do Admiral Dewey ceannardachd an airm a leigeadh uaithe car ùine, agus ’se ’s dòcha gu’n tìg e air sgriob dhachaidh. Ma thig, bidh e cunnartach gu’n cuir na caileagan, sean us òg, séisd ris leis na pògan, mar a rinn iad a chur ri Hobson. Tha aon de phaipearan Halifacs ag innse gu bheil an “obair iaruinn” ri tòiseachadh air an t-seachdain so no air an t-seachdain s a tighinn. Cha ’n eil e coltach gu bheil sin fior, ach ged nach eil tha làn dhuil aca-san aig am bu chòir fios a bhith, nach teid ùine mhòr sam bith seachad gus an toisich an obair. Tha moran dhe’n bharail, o nach eil an obair a tòiseachadh cho luath ’sa shaoileadh iad fhéin iomchuidh, nach eil i gu tòiseachadh idir. Ach ni a bhios fada tighinn, ’se a’s dòcha fuireach agus a bhi buan nuair a thig e. Chaidh fear Iain Gillios a mharbhadh ann am méinn an Dominion No. 1, Di-màìrt s’a chaidh. Bha e fhéin us seachdnar dhaoin’ eile a dol sios gu’n obair, agus air do ’n chrò anns an robh iad bualadh an taobh an tuill, chaidh e car air a thaobh, agus bha esan air a thilgeadh a mach; thuit e sios an comhair a chinn tri fichead troigh s’a coig deug, agus bha e air a mharbhadh air ball. Bha a lamh ’sa chas air am bristeadh, ’sa cheann air a phrannadh gu dona. Bha an duine bochd a fuireach aig Meinn Ghardiner; bhuineadh e do Bhroad Cove, agus bha e mu shia bliadhna fichead a dh’ aois. Cha robh e pòsd’ idir. Cha’n eil teagamh sam bith a nise nach eil an rathad-iaruinn eadar Broad Cove us Caolas Chanso ri bhi air a chur air adhart air an t-samhradh so. Tha Mac Coinnich agus Mann an deigh còir na seana chuideachd a cheannach, agus tha iad a bharrachd air sin a’ ceannach nam mèinnean guail a tha air an rathad. Tha aca ri deich mile dolair a phàigheadh do ionmhas na roinne mar urras air gu’n dean iad an obair a chur air adhart. Tha iad a faotainn $4000 am mile o Riaghladh Nobha Scotia, agus tha aca ri còig mile fichead tunna guail a chur a mach gach bliadhna. Tha an rathad gu bhi còrr us ceud mile dh’ fhad. Tha so ’na dheagh sgeul do shiorrachd Inbhirnis; ged is ann ris a chladach a tha’n rathad gu bhith, cha ’n eil teagamh, air son sin, nach dean e feum mor do’n t-siorrachd air fad. Tha e cur ioghnaidh air daoine cho beag cluais ’sa thug comhairle na siorrachd dhaibhsan a chaidh air am beulaobh os leith na “Scott Act.” Cha do dh’ iarr iad orra ach ni a bha gle reusanta, duine chur air thuarasdal air son an lagh fhiachainn fad shia miosan, agus an ceann na h-ùine sin, na’m faiceadh iad nach gabhadh feum deanamh leis, gu’m biodh iadsan deònach na b’ urrainn dhaibh a dheanamh air son a chur air chul, agus lagh eile ghabhail ’na àite. Ach de’n choig duine fichead a bha ’nam buill ’sa chomhairle, cha do bhòt air son sin a dheanamh ach naodhnar. Tha so a nochdadh soilleir gu leòr nach eil a mhor chuid dhiubh air son ionnsuidh sam bith a thoirt air an lagh a chur gu feum. Tha cuid dhiubh a’ gabhail mar leisgeul gur ann air eagal gu’m biodh an t-siorrachd air a creach le cosguis a bhòt iad mar a rinn iad, ach ’s gann gu bheil an sin ach leisgeul fhein; tha iadsan a bhot air taobh an lagha, ann an cùisean eile, cheart cho cùmhnach air airgead na siorrachd riutha-san a bhòt na aghaidh. Agus cha mhor creachaidh a ghabhadh deanamh le cosguis-lagha ann an sia miosan co-dhiu. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 326] [Vol. 7. No. 41. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 323.) innleachd air dòigh a bha gus na cearcan a chuir o bhi ’g òl nan uibhean. An uair a fhuair Mairi dhachaidh air an fheasgar ud, thòisich i air an obair gun tuilidh maoile; rinn i a mustard na thaois agus lìon i dhà na trì deth ghucagan nan uibhean leis an taois, ’s chuir i ann an eagaibh a chéile iad cho snasmhor ’s nach aithnicheadh neach nach robh na h-uibhean slàn. An uair a ghabh na cearcan mu thàmh, dhiùin Màiri a h-ùile fròg a bheir an tigh aca, b’e sud a dh’ iarr Ailean oirre a dheanadh, agus na cearcan a chumail a stigh an-la-iar-na mhàireach ni b’ fhaide na b’ àbhaist dhi, ach ged nach robh na cearcan a faicinn leus soluis an uair a thainig a mhaduinn ’s math a bha iad a tuigsinn gu’n robh e fada thar an am aca fhaodainn a mach, ’s thug an coileach an tùchadh air fein a glaodhaich. Cho luath sa dh’ fhosgail Màiri an dorus aca, leum iad a mach nan ruith, a nùnn dh’ ionnsaidh an t-soithich am b’ abhaist dhoibh am biadh fhaodainn, ach cha d’ fhuair iad srad air a mhàs, thoisich iad air gàrcail, ’s air gearan cruaidh cha’n eil teagamh nach robh iad a’ deasbaireachd na ceisd. C’ar son nach do chuir Mairi biadh san t-saoitheach an diugh mar a b’ abhaist? Co dhiù; bha Màiri fein ag ràdh gur e sud an seanachas a bh’ aca. Ach thug an coileach an aire do na h-uibhean a bheir an làr crioman beag o’n t-soitheach, ’sa munn a bha e ’s e gairm nan cearc as a dheigh, iad sud ga leanachd gu teann. Cho luath ’s a rainig e ’n t-ubh thug e làn a ghuibh ás, agus shluig e sud mu’n d’ fheuch e idir a bhlas, na cearcan a deanadh an ni ceudna, ’s ann an uine ghoirid, cha robh a bheag de na h-uibhean a làthair, agus ’s ann a thòisich Màiri ri smaoineachadh nach robh moran feum anns an doigh a thug Ailean dhith air son na cearcan a chuir o dheoghal. Ach mhothaich Màiri gu’n robh an coileach a fas fuasach neònach na choltas; bha amhach sinnte mach bh’ uaithe, mar ga ’m biodh e dol a ghlaoghaich ach san a bha a sgiathan air tuiteam slaoda ris ’s cha robh smid a sios na nios aige ’s e ga thacadh, ach mar a thuirt Mairi fein, “Cha d’ thainig ach seòrsa deth ròmhan mì-nàdara a nuas o bhun an sgòrnain aige, thòisich e ’n sin air dol an comhair a chùil, agus thuit e air a dhruim direach air an làr, ’s bha a chasan a cluich os a chionn cho luath ri casan figheadair air beairt.” “O chreudair,” arsa Mairi, “tha thusa ’n geall na ’s fhiach thu, cha b’ fheàrr mis an uair a thug mi feart air Ailean duth, tha mi duigh gun chearc gun choileach.” Chrom i sios a thogail a choilich a shaoil i a bh’ anns na h-osbagan deireannach, ach an uair a bhean i dha sann a leum an t-ian troidhean o’n talamh, thug e sgriach oillteil as agus bha e air a bhonnaibh a rithist, agus mu’n gann a sheall Mairi mu’n cuairt oire, bha leth-dusan deth na cearcan a dol troimh ’n cheart chluich a chaidh an coileach troimhe. Ghlaodh Màiri mort. Thainig a bana-choimhearsnach a mach na ruith, an uair a chunnaic am boirionnach mar a bha, sann a sheas i mar gam biodh i bodhar dall. Cha ghabhadh Mairi deth dh’ ùine na dh’ innseadh d’a bana-choimhearsnaich—cha robh dùnadh a dol air a beul ach a càineadh Ailean. Ach thoisich na cearcan air tighinn thuige uidh air nuidh, thug an coileach an sruthan air, agus bha e ’g òl an uisge, te ’n déigh te deth na cearcan ga leanachd ’sa deanadh a ni ceudna. Their Màiri fein, gus an latha ’n diugh, gur h i chearc ruadh bu mho a bha cuir deth dhuilichinn oire, ged is i fein a thòisich air an droch obair ud an toiseach, ’s daor a chrean i air. Bha i dol mu’n cuairt, mar gu’m biodh an sturdan na ceann, a h-amhach sinnte cho fad ’sa ghabhadh i sineadh, a beul fosgailte agus na deoir a bha sruthadh o sùilean a tuiteam n’am boineachan trom bhar bàrr a guib. An uair a shaoil Mairi gu’n robh na cearcan á cunnart, bha i air son falbh a dh’ aon obair far an robh Ailean, agus o nach b’ urrainn i ’n còr a dheunadh air bheireadh i droch theanga dha. “Ach a Mhàiri,” arsa bana-choimhearsnach, “cha’n ’eil mise a tuigsinn ni de na tha mi faicinn no a cluinntinn. Ciod a rinn Ailean ort? No ciod a rinn thu fein air na cearcan?” Dh’ innis Màiri do’n bhoirionnach eile, facal air an fhacal, mar a thachair o thoiseach gu deireadh a ghnothaich. “Biodh foighidinn agadsa, Mhàiri,” ars’ am boirionnach, “tha ’n seann-fhacal agradh, ‘Gu ’m faigh foighidinn furtachd.’” Ghabh Màiri comhairle a bana-chomhearsnach, agus cha deachaidh i ’n rathad a bha Ailean air an latha ud no iomadh latha as a dhéigh, agus a cheud uair a thachair i air, ’s ann a thug i taing mhor dha air son an doigh a thug e dhith gus na cearcan a leughas, o’n droch cleachdainn a dh’ ionnsaich iad. “Cha do chuir iad,” ars ise, “gob air ubh, o sud ’s cha chreid gu’n cuir cho fad sa bhios cinn air na h-amhaichean aca.” AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Am Feillire. MAIGH, 1899. 1 Di-luain A’ Bhealltuinn 2 Di-mairt Breith Iain Galt, 1779. 3 Di-ciaduin Breith Shéumais Mhic-an-Taillear, 1753. 4 Dior-daoin 5 Di-haoine Bàs an Ollaimh Mac Dhun-leibhe, 1873. 6 Di-satharna 7 DI-DONAICH V. Donaich an déigh na Càisg 8 Di-luain Bàs an Ridir Séumas Mac Coinnich 1691. 9 Di-mairt 10 Di-ciaduin Toisich ar-a-mach ’sna h-Innsean, 1857. 11 Dior-daoin 12 Di-haoine An fhéill chongail. 13 Di-satharna Bàs Donnachadh Bhàin, 1812 14 DI-DONAICH 15 Di-luain Bas Sir Séumas Domhnullach, 1857. 16 Di-mairt 17 Di-ciaduin An fhéill chatain. 18 Dior-daoin An eaglais shaor, 1843. 19 Di-haoine Fosgladh àrd-sgoil Chille Ribhinn, 1411. 20 Di-satharna 21 DI-DONAICH Di-donaich Caingis. 22 Di-luain Là Inbhir-ruairidh, 1308. 23 Di-mairt 24 Di-ciaduin Bàs Righ Daibhidh I., 1153. 25 Dior-daoin Bàs an Ridir U. Grànnd, 1832 26 Di-haoine Breith Sheasaidh Ghrànnd, 1805. 27 Di-satharna 28 DI-DONAICH Di-donaich na Trianaid. 29 Di-luain Bàs a’ Chardinal Beutonach, 1546. 30 Di-mairt 31 Di-ciaduin Bàs Ollamh Chalmers, 1825. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 2, U. 1, M. 33 F An Solus Ur, L. 9, U. 1, M. 25 F A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 0, M. 59 F An Solus Lan, L. 25, U. 1, M. 35 M An Cairteal mu dheireadh L. 31, U. 6, M. 41 F AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 327] [Vol. 7. No. 41. p. 7] An Act to Incorporate “The Mac-Talla Printing and Publishing Company, Limited.” Be it enacted by the GOVERNOR, COUNCIL, and ASSEMBLY, as follows: 1. Jonathan G. MacKinnon, of Sydney, in the County of Cape Breton, Journalist; Alexander Matheson, of Sydney, in the County of Cape Breton, Postmaster; Daniel D. McKenzie, of North Sydney, in the County of Cape Breton, Barrister-at-Law; Hugh Ross, of Sydney, in the County of Cape Breton, Barrister-at-Law; Neil Ferguson, of Sydney, aforesaid merchant, their associates, successors and assigns, are hereby constituted a body corporate, under the name of “The Mac-Talla Printing and Publishing Company, Limited,” and hereafter referred to as “The Company.” 2. The said Company shall have power and authority to do any matter or thing necessary incidental or conducive to the carrying out of any of the following objects or purposes for which it is hereby created: (a) The acquiring, owning, leasing, selling, printing or publishing of any daily or weekly English or Gaelic newspaper, the establishment and carrying on of a general job printing and publishing business, with the power of holding, acquiring, leasing, owning and mortgaging such real and personal estate as may be necessary for the efficient conduct of such printing and publishing business. 3. The Company may purchase or otherwise acquire the capital stock, real and personal property of any corporation, and may subscribe for, purchase, hold and dispose of the capital stock of any other corporation for any of the aforesaid purposes, and may issue in payment, in whole or in part therefor such portion of its capital stock as the directors may determine to be proper. 4. The Company may sue and be sued, and possess power to make or become parties to promissory notes and bills of exchange, the name of the Company to be subscribed thereto or endorsed thereon by such officer or officers of the Company as the directors may from time to time determine. 5. The capital stock of the Company shall be ten thousand dollars, divided into one thousand shares of ten dollars each, which shall be personal property transmissible and assignable as such, but the Company shall not go into operation until one-eighth of the capital stock has been subscribed for, and the whole of the stock so subscribed paid up. The shareholders at any special general meeting may upon a vote representing two-thirds in value of the stock, increase the capital stock to twenty thousand dollars. 6. The directors shall have power to fix the terms of all the subscriptions to the capital stock, to issue the same, or any number of shares thereof in payment of any claim against the Company, or for property, franchises, patents or privileges granted to the Company, and all shares so issued shall be held and taken to be full paid up stock, and shall not be liable to further calls or assessments on account thereof, but the capital stock referred to in this and the preceeding section shall only be issued at the full par value. 7. No member or director of the Company shall be liable in his person or separate estate for the debts or liabilities of the Company to a greater amount in the whole than the amount of stock held by him, deducting therefrom the amount actually paid on account of such stock, unless he shall have rendered himself liable for a greater sum by becoming surety for the debts of the Company; but no shareholder who may have transferred his interest in the stock of the Company shall cease to be liable for any contract entered into before the date of such transfer, so as any action in respect thereof shall be brought within six months after such transfer. 8. The first general meeting of the Company shall be held in Sydney, in the County of Cape Breton, at such time as the above corporators or any three of them shall determine, and of which due notice shall be given by mailing a written notice of such time and place, postage prepaid, to the address of each of the sareholders of the Company, at which or at any subsequent meeting, the Company may be organized by the election of not less than three directors and of other necessary officers and the shareholders present in person or by proxy shall have power to organize the Company, establish by-laws, and elect all necessary officers. The first or any subsequent meeting may be adjourned from time to time by a majority of votes of subscribers or shareholders present. 9. At all meetings of the Company each shareholder shall be entitled to one vote for each share then held by him. Such vote may be given in person or by proxy, the holder of such proxy being himself a shareholder; but no shareholder shall be entitled either in person or by proxy to vote at any meeting until he shall have paid all the calls upon shares held by him. 10. Until the first general meeting of the Company the persons named in the first section or their duly constituted appointees, may open books for subscriptions for shares and act as directors until a board is elected by the shareholders as herein provided. 11. If at anytime an election of directors be not made or do not take effect at the proper time, the Company shall not be held to be thereby dissolved, but such election may take place at any general meeting of the Company duly called for that purpose, and the retiring directors shall continue in office until their successors shall be elected. 12. The general administration of the affairs of the Company is vested in the board of directors, who shall have the power to fill vacancies for the residue of any term, excepting that no person shall be eligible as director who is not a registered shareholder. A majority of the directors shall constitute a quorum for the transaction of business. The directors may from time to time make, alter or amend any by-laws, rules, or regulations not inconsistent with this act or the laws of the province as they may deem necessary and proper for the management of the affairs of the Company generally, or may repeal any such by-laws, rules or regulations so made and every such by-law and every repeal, amendment or re-enactment thereof unless in the meantime confirmed at a general meeting of the Company called for that purpose shall only have force until the next general meeting of the Company, and in default of confirmation thereof, shall, at and from that time cease to have force. Provided that every by-law, rule or regulation or any repeal, alteration or amendment thereof shall be subject to the approval of the Governor in Council. 13. One-fourth in value of the shareholders of the Company shall at all times have a right to call a special general meeting thereof for the transaction of any business specified in such written requisition and notice as they may issue to that effect, and ten days’ notice of any special meeting shall be given in one newspaper published in Sydney and sent to every registered shareholder by mail, postage prepaid, or given by personal service. 14. The annual general meeting of the shareholders of the Company for the election of directors and other general purposes of the Company shall be held in the Company’s office in the Town of Sydney, in the County of Cape Breton, each year, at such place and time as may be appointed by the by-laws of the Company, and two weeks’ previous notice thsreof shall be given, as provided in the last preceding section. 15. The Company shall have authority to borrow such sum of money, not exceeding the amount of its subscribed capital, as the directors shall deem necessary for carrying out any of the purposes or objects of this Act; and for securing the payment of the money so borrowed with interest thereon, the Company may mortgage its real and personal property, its franchises, privileges and revenues. All bonds, debentures or other securities granted for this purpose may be made payable to bearer or transferrable, by endorsement or otherwise, but no such bond or debenture shall be made for a less sum than one hundred dollars. 16. The Company shall paint or affix and shall keep painted or affixed, its name, with the word, “limited,” after it, on the outside of every office or place in which the business of the Company is carried on, in a conspicuous position, in letters easily legible, and shall have its name, with the said word, “limited,” after it, mentioned in legible characters in all notices, advertisements, and other official publications of the Company, and on all bills of exchange, promissory notes, cheques, orders for money or goods purporting to be drawn, made, signed, given or endorsed by or on behalf of the Company, and in all bills, invoices, receipts, letters, and other writings used in the transactions of the business of the Company; and the Company shall be liable to a penalty of twenty dollars for ever neglect or omission of the name of the Company in any of the above cases. 17. The Head Office and chief place of business of the Company shall be Sydney, in the County of Cape Breton, but may be changed to any other place within the Province by a by-law of the Company. 18. This act shall cease and determine unless the said Company shall be organized within two years from the passage of this act,” and actually engage in business. The above is a copy of the Act passed at the late session of the Parliament of Nova Scotia. The object of the Company is to place the MAC-TALLA on a firm financial footing, and once that is done, it is believed that the paper can be conducted at a fair profit to the shareholders. Those who wish to become shareholders will please communicate with the publisher. For their information it may be added that 25% of the amount subscribed is to be paid at the time of subscribing, and the balance in three equal instalments at such times as the directors may deem necessary. [TD 328] [Vol. 7. No. 41. p. 8] A Bhriogais Uallach. LE SOMHAIRLE BEUTAN. Oidhche no dha an deigh Luadh a bhi ’n aite Ruairidh Mhoir Ic Ailein Ic Ruairidh air Ceap Mabou, bho chionn beagan bhliadhnaichean, rinn Somhairle math an t-oran. Leis a bhriogais uallaich, ho ro mi, Leis a bhriogais uallaich, ho ro mo; A bhriogais a bh’ aig Ruairidh, ho ro ’m bi, ’S ann a chaidh a fuaigheal le snathaid mhoir. Cha’n ’eil slinn ’s an duthaich, ho ro mi, A fhreagras Mairi Uisdein, ho ro mo; Le fasannan ura, ho ro ’m bi, A chuir i ’chur ’s an dluth a bh’ anns a chlo. Leis a bhriogais uallaich, &c. Cha’n ’eil gan ’s an aite, ho ro mi, Dh’ fhigheas tarstan Mairi, ho ro mo, ’S ann thuirt Anna Bhàn rium, ho ro ’m bi, Gu’m feumadh i spal anns a h-uile dorn. Tha mnathan an t-Sithein, ho ro mi, A’ bri’ghinn o’s iosal, ho ro mo; Gu’n deanamaid fhìn e, ho ro ’m bi, Mur a b’e na caoraich a’ dhol ’s a phòn. Bliadhna dhubh a chruadail, ho ro mi, Thug na caoraich bh’ uainne, ho ro mo; Dh’fhag gun dad de chluaidh sinn, ho ro ’m bi Ged a tha an t-uamhas aig Ruairidh Mòr. Thuirt bean Illeasbuig Cheannadaich, ho ro mi, ’S boidheach leam an dath a th’air, ho ro mo ’N uair a bhios e fada bh’ uam, ho ro ’m bi, ’S ann a tha da shealladh dheth mar chota roin. ’N a tharstan ’s ’n a thaileasg, ho ro mi, Mar obair le snathaid, ho ro mo; Mo bheannachd aig Mairi, ho ro ’m bi, ’S ann aice ’tha lamh air an fhighe clo. ’N a sthreaban ’s ’n a sthriochdan, ho ro mi, Bha ’n tarstan air fhiaradh, ho ro mo; ’S iongantach an deanamh, ho ro ’m bi, Chuireadh air a’ bial-thaobh is air a cùl. Bha mi ann am Mabou, ho ro mi, A’ coimhead air mo chairdean, ho ro mo; ’S cha’n fhaca mi ’h-aicheadh, ho ro ’m bi, Ach air Calum Martainn ’n uair bha e beo. ORAN EILE LEIS A BHARD CHEUDNA. Chaidh Somhairle agus Ailean MacAonais Ic Sheumais bho chionn beagan bhliadhnaichean airson oibreach á Broad Cove gu Victoria Mines aig Low Point. B’ fheudar do dh’ Ailean tilleadh dhachaidh gun obair. Fhuair Somhairle air beisd de phump. Bha ’n obair cho cruaidh ’s nach d’fhan e aice ach mu thri seachduinnean. Ma ’n d’ thainig na tri seachduinnean gu’n ceann rinn Somhairle ’n t-oran so. ’S e cuidhle mo dhunach i, ’Ga tionndadh ’s nach urrainn mi, Tha piob agus pump aisde, ’Ga ’m chumail gun mo bhathadh. Di-luaìn ’n uair rinn mi toiseachadh, ’Se Eirionnach ’bha comhla rium; Cha tuiginn guth dhe chomhradh, Cha do chleachd mi ’sheorsa cànain. ’Se cuidhle, &c. Di-luain gur mi bha togarrach, ’N uair thoìsich mi ri obair ann; Gu’m faca mi i bogadaich, Mar obair muilleinn sàbhaidh. Ged fhuair mi fhein an nasgaidh iad, Na brogan a bh’ aig Alasdair; Cha fhaiceadh tu ’s am factoraidh, Gach fasan bh’ air na sailean. Gu ’r robh ’n té dheas is cuaig oirre, An té chearr cha ’n i bu shuarraiche; An car a chuir i a m’ chruachan, Bi’dh mi truadh gu là mo bhais leis. Thuirt mi ann an litir, Ris a bhean gu ’n d’ thug iad shiftwork dhomh, Gu’m biodh a cridhe briste, Na ’m biodh fios aice air mo charadh. Ged a bha mi pianail, Fad na seachduinn ’g a mo riasladh aca; Gu ’r h-e ’n rud a liath mi, Cur ’g a iarraidh air an t-Sabaid. ’S mor a ghabh mi dh’ ioghnadh, ’Nuair chunna mi na daoine bh’ ann; Cha b’ ionnan iad ’s na laoich, A bh’ anns an tir a rinn mi fhagail. ’S ioma latha bronach, Bha mise ’n so gun chompanach; A cuimhneachadh mo theaghlaich, ’Am Broad Cove a rinn mi ’m fagail. Gu ’r h-e Broad Cove nan oganach,— Bu mhath iad ’an so comhla rium;— Ma theid mi dh’an taigh osda, ’S mi gu’n òl ann ’ur deoch slainte. N. B.—’Se brathair da ’bh’ ann an Alasdair. Oran a Phaidheadh Latha. AIR FONN—“Mairi Bhail a’ Chro.” Chaidh an t-òran so a dheanamh le gille a mhuinntir Bharraidh, air dha bhi seachd searbh ag obair ann an tuill long chogidh a thàtar a togail ann an Glaschu. Gur e bhi so air feadh nan toll, Dh’ fhag m’ inntinn trom air dòigh, Bhi cluinntinn slachdadich ’us fuam ’Us buillean cruaidh nan ord; Gum b’ fhearr leam fada bhi falbh o’n Bhruaich, ’Sa ’n cuan a tuath fodh sròin, Sa tighinn gu acarsaid le’m ghràdh Se bàta nan tri seol. An uair a rachamaid don Bhruaich, Cho luath ’s ga faight’ air dòigh, Gu leigte air falbh i moch di-luain Sa ’n cuan a tuath fodh sroin; Dol air currsa an ear san eardheas ’S ise falbh fodh ’n t-seol, Gum b’ inntinneach leam ceum a bhàt Seach “car a Ghovan Road,” Glaschu cha chòrd rium ceart Cha’n ’eil e math air dòigh, Nuair dh’ éireas mi sa mhaduinn tràth Cha’n fhaic mi càil le ceo; Cha b’ ionnan ’s eilean caomh mo ghràidh Far an d’ fhuair mi m’ àrach òg, Far faicinn beanntaichean ’us sàile ’Us bàtaichean fodh seol. Ged bhuail nam cheann gu’n tiginn ann ’S gun cuirinn stall air dòigh, Gu faighinn caileag shocair chiuin A’ rachadh leam le deoin; Rinn mi sud a chuir air chùl Cha chòrd e rium an dòigh, Bhi falbh sa mhaduinn romh na sia ’Us pios agam nam dhòrn. Mar dean mi cabhag gu luath A’ faighinn suas mo bhròg, Cha’n fhaod mi fuireach ris an “Tea” Cha bhi mi tràth gu leor, Airson gu freagair mi do’n uair ’S gu’n cùm mi suas a chòir, ’S mar bi mi dichiollach air falbh Cha bhi an t-airgead mòr. Gur ann an ceann a choig-la-diag A dh’ fhiachair dhuinn ar coir, Gheibh sinn line an crogan tin ’S cha bhi an t-suim ro mhòr; Ma ni sinn maduinnean a chall ’S gun overtime tighinn òirnn, Ma ’m pàigh mi a landlady sam bùth Cha chuir mi crùn nam phòc. Dh’fhaoidt’ gu’n còrd e rium na’s fhearr Gu bheil so trath gu leor, Ach chi mi o chionn mios no dhà Dé is fhearr dhomh chuir air dòigh; Ma gheibh mi seachad a bhliadhn’ ùr Co-dhiu ma bhios mi beo, Gu faigh mi bean ’s gu fas mi glic ’S cha chi mi ris an òl. Ged rachainn dhachaidh an dràsd Tha h-uile càil gun dòigh, Cha d’ bhuainn mi mòinn ’s cha d’rinn mi bàr ’S tha nàr leam dol na chòir; Ach gheibh mi cailig a so fhéin A’ chumeas mi air dòigh, ’S ged a bhithinn gann do Bheurl’ Bi aice fhein gu leor. N. M. P. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. [TD 329] [Vol. 7. No. 42. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 19, 1899. No. 42. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXIII. TURUS-CUAIN CUNNARTACH. Ged a bha sinn an dùil gu’n falbhamaid a Grianaig gu math moch ’sa’ mhadainn, cha d’ fhuair sinn falbh; oir bha ’n ceò cho dùmhail ’s nach fhaiceamaid dà fhad a’ bhàta air thoiseach oirnn. Suas mu mheadhain latha thog an ceò, agus gun dàil sam bith sheòl sinn. Cha robh an soirbheas an toiseach ach glé lag, agus am beagan a bh’ ann dheth, cha robh e cho fabharrach ’s bu mhath leinn. Ach bha sinn uile toilichte gu leòr, o’n a bha h-uile coltas air an t-side gu ’n seasadh i gus an ruigeamaid dhachaidh. Bha sinn an dùil a dhol troimh na Caoil Bhòdach; oir bha againn ri dhol troimh Chanal a’ Chrionain. Bha ’m bàta ’bh’ againn ro bheag air son a dhol timchioll na Maoile, eadhoin ri sìde math. Mu’n d’ rainig sinn faisge air fearann Bhòid, thuit an oidhche, agus beagan an deigh do’n oidhche tuiteam bheothaich an soirbheas gu math. Ach o’n a bha ’n iarmailt làn runnag, cha robh eagal sam bith oirnn gu ’n buaileamaid air cladach no air sgeir. Cha robh fios againn gu’n robh sruth làidir rodhairt ’g ar giulan air aghart le luaths a chuir gu mòr as ar barail sinn. An uair a bha duil againn gu’n robh sinn a’ seòladh eadar Bòid agus tir mòr, is ann a bha sinn a’ dol seachad eadar Bòid agus Comaraidh. Anns an àm thòisich na fir ri connsachadh mu thimchioll c’ aite an robh sinn. Bha ’n sgiobair làn-chinnteach ’na inntinn fhein gur ann a’ dol troimh na Caoil a bha sinn. Ach bha ’n dithis eile dhe’n sgiobadh ag ràdh, gu’n robh iad cinnteach gur ann a bha sinn a’ dol troimh bheul nan Comaras. Lean iad air connsachadh greis mhath; ach bha iad taobh air thaobh cho fada ’nam barail fhein ’s gu’n robh iad cho dona an uair a sguir iad ’s a bha iad an uair a thoisich iad ri connsachadh. Cha robh anns an dithis eile ach luchd-turuis mar a bha mi fhein, agus ged nach robh gnothaichean a’ cordadh riutha, cha robh aon fhacal a’ tighinn as an cinn. Air mo shonsa dheth, cha’n fhosglainn mo bheul air son rud sam bith. Cha robh fhios agam c’àite an robh sinn; agus o nach bu sheoladair mi, cha robh gnothach agam mo bheul fhosgladh. Ged a bha sinn ’nar triuir a’ cur earbsa anns an sgiobair an uair a dh’ fhalbh sinn a Grianaig, cha robh e an comas dhuinn earbsa chur ann na bu mhò; oir, aineolach ’s mar a bha sinn air marachd, dh’ aithnich sinn, an uair a thoisich gluasad ri tighinn air an fhairge, gu’n robh sinn ann an cuan a b’ fharsuinne na na Caoil Bhòdach. Mu dheireadh thall, dh’ aithnich an sgiobair fhein gu’n do chaill e ’chùrsa. An uair a thòisich an dithis eile ri iomachain air, dh’ fhàs e cho cas ri cat ann an càrn. Mhaoidh e am falmadair a bhualadh air fear dhe na bha bruidhinn ris, agus an t-eanachainn a chur as. Chuir a h-uile rud a bh’ ann mise gu smaointean gu leòr. Cha robh fear eile, ge mòr am facal e, anns a’ Ghaidhealtachd gu leir, a b’ eòlaiche air a dhol le bàta beag gu ruige Grianaig is Glasacho na Domhull beag; ach o’n a thug mise an aire gu’n robh e car trom air an òl, bha eagal orm falbh comhladh ris, ged a fhuair mi an tairgse. Ach, mar a tha ’n sean fhacal ag ràdh, “Is fhearr an t-olc eòlach na’n t-olc aineolach.” Ged a bha e trom air an òl an uair a bhiodh e air tir, bheireadh e an aire mhath dha fhein an uair a bhiodh e aig fairge. Nam b’ e an diugh an de, is docha nach d’ rinn mi mar a rinn mi. Ach ann an cùisean dhe’n t-seorsa so, cha dean aithreachas feum sam bith do dhaoine. “Cha bheir gad air aithreachas.” Thuig sinn uile gu’n robh sinn ann an cunnart mor, oir cha robh fearann ri ’fhaicinn air taobh seach taobh dhinn. Agus o’n a bha ’n gluasad a bh’ air an fhairge a’ sior dhol na bu mhò, bha sinn cinnteach gu ’n robh ar n-aghaidh air a’ chuan mhòr. Is iomadh uair a smaoinich mi air an oidhch’ ud, agus a thuirt mi rium fhein, “Cia mar a thuig sinn uile gu’n robh sinn ann an cunnart mòr?” Cia mar a thuig a h-uile aon dhinn gu’n robh fios againn uile, gu’n robh sinn anns a’ chunnart, ged nach d’ thainig diog a beul aon seach aon dhinn? Nan robh an latha againn, no eadhoin solus na gealaich air dhoigh ’s gu ’m faiceamaid aghaidhean a cheile, thuiginn gle mhath gu’m faodadh a’ gheilt agus an t-eagal a bhiodh air an dara aon geilt agus eagal a dhusgadh ann an aon eile. Ach ged a bha’n oidhche cho soilleir ’s bu choir do dh’ oidhche ’bhith an ceann mhios a dh’ fhoghar, cha robh e an comas dhuinn aghaidhean a cheile fhaicinn. Fhuair spiorad an eagail greim oirnn gun fhios gun fhaireachadh dhuinn. Cha robh de mhisnich aig fear seach fear dhinn na theireadh aon fhacal ris an sgiobair. Bha e ’na shuidhe aig an stiuir ’s gun diog a’ tighinn as a’ cheann. Tha mi ’creidsinn gu’n do chagainn e cairteal tombaca fad na h-oidhche. Air ar laimh dheis thug sinn an aire do dh’ fhearann anabarrach àrd. Cha do thuig sinn an toiseach gu’n do chuir sinn barrachd astair ’nar deigh na bha sinn an dùil; agus air an aobhar sin, cha d’ aithnich an sgiobair fhein c’aite an robh sinn. Cha robh againn ach cumail romhainn mar a bha sinn; Bha deadh shoirbheas ’nar deigh, agus o’n a bha ’m bàta gu math gu seòladh, bha i ’ruith roimh ’n ghaoith anabarrach math. Ann an ùine ghoirid dh’ fhàs na speuran dorcha le neòil thiugha, dhubha, agus thoisich a’ ghaoth ri tuiteam. Beagan ùine ’na dheigh sid thug sinn an aire do luing mhòir a’ tighin ’nar coinneamh. Mu’n d’thainig i cho dlùth dhuinn ’s gu’n deanamaid am mach a bodhaig, thuig sinn air na soluis gu’n robh i glé mhòr. Bha lainntir laiste againn air bord, agus thug sgiobadh na luing an aire dhuinn cho luath ’s a thainig sinn ann am fradharc dhaibh. Bha sinn a’ ruith roimh ’n ghaoith, agus bha iadsan a’ beiteadh ’na h-aghaidh. Bha sinn toileach an seachnadh, nam b’ urrainn duinn; ach a reir choltais, bha iadsam mar gu’m biodh toil aca ar cur do ’n ghrunnd. An uair a thainig iad tuilleadh is dluth dhuinn, ghlaodh sinn riutha àird ar claiginn, agus dh’ ordaich an sgiobair an seòl mòr a thoirt a nuas. Ach ged a bha sinne a’ saoilsinn gur ann gu cron a dheanamh oirnn a thainig iad cho dlùth dhuinn, bha sinn tur cearr ’nar barail. Thug am fear a bh’ aig an stiuir an long gu socrach, dòigheal cho dlùth dhuinn ’s gu’n robh comas againn bruidhinn ri ’cheile. Dh’ fheoraich sgiobair na luinge dhinn co as a thàinig sinn, agus c’àite an robh sinn a’ dol. An uair a chual’ e gur ann do’n Ghàidhealtachd a bha sinn a’ dol, thuirt e ruinn, gu’n robh sinn fada bhar a’ chursa cheart na’s lugha na bha sinn gus a dhol timchioll na Maoile. Thairg e ar toirt air bòrd na luinge, agus tobha ’thoirt dhuinn gus an ruigeamaid na Caoil Bhòdach. Ghabh sinn an tairgse so gu toileach; agus an uair a thugadh air bord sinn, chuireadh biadh is deoch gu leor air ar beulaobh. Agus gu cinnteach ceart, bha sinn uile glé fheumach air. Ach, rud a chuir ioghnadh oirnn aig an àm, cha robh smaointean sam bith againn air biadh fad na h-oidhche. Bha eagal ar beatha oirnn; agus chuir an t-eagal an t-acras dhinn. Bha ’n sgiobair, agus na chunnaic sinn dhe’n sgiobadh, ’nan daoine a bha araon comhraiteach agus caoimhneil. Bu Shasunnaich iad gu leir; agus ged a bha Beurla aig a h-uile fear a bha comhladh rium ’s a’ bhàta, cha tuigeadh iad a h-uile facal a theireadh na Sasunnaich. Tha mòran an dùil gur e am fuaim a chuirear air na facail Bheurla ann an sgoiltean na Gaidhealtachd agus na Galldachd, am fuaim a chuireas na Sasunnaich gu leir air a h-uile facal a labhras iad. Ach cha’n ann mar so a tha idir. Tha mòran de mhuinntir Shasuinn nach tuig a cheile dad na ’s fhearr na thuigeas Gaidheal Gailig nan Eirionnach. Ach rachadh agamsa air a h-uile facal a theireadh iad a thuigsinn. Fad nam bliadhnachan a bha mi ann an Glasacho, thachair dhomh a bhith gu math tric ann an cuideachd agus ann an comhradh Ghall is Ghaidheal is Eirionnach is Shasunnach; agus mar sin, thuiginn a h-uile seorsa Beurla. O’n a bha ’chùis mar so, is ann orm a thainig comhradh a chumail ris na daoine. Bha ioghnadh gu leor orra an uair a chual’ iad gu’n robh iomadh eathar, agus sgoth, gun a bhith mòr, a’ dol gu tric le luchd uighean gu ruige Grianaig is Glasacho, agus a’ tilleadh air ais le luchd bathair. Bha iad ann am beachd nach robh maraichean anns an rioghachd a rachadh air thoiseach air na Gaidheil, agus bha iad ag radh gu’m bu bhochd nach robh àireamh mhòr dhe na Gaidheil air na loingeas chogaidh. An uair a chuala mise so, thainig fiamh gàire orm. Agus ghrad dh’ fheòraich fear dhiubh dhiom, ciod a thug orm gaire dheanamh. Dh’ innis mi dha, gu’n robh na Gàidheil a’ meas gur i an long chogaidh an t-àite bu mhiosa anns am b’ urrainn duine ’bhith. Agus dh’ eadar-theangaich mi dha na briathran so a chuala mi anabarrach tric, “B’ fhearr leam a bhith air an luing chogaidh na bhith ann.” Agus dh’ innis mi dha gu’n abradh daoine na briathran so an uair a thachradh dhaibh a bhith anns an aite bu mhiosa anns an robh iad riamh. Dh’innis mi dha mar an ceudna, nach b’ fhiosrach mi gu’n robh Gàidheal riamh ’na sheòladair no na shaighdear air luing chogaidh. [TD 330] [Vol. 7. No. 42. p. 2] Bha sinn a’ comhradh greis mhath, agus thug sinn tarruinn air iomadh ni air nach biodh feum dhomh iomradh a thabhairt anns an sgeul so. Bha greis dhe ’n mhadainn air a dhol seachad mu’n do dhealaich sinn ris an luing. An uair a chual’ an sgiobair nach robh aon chuid cairt-iùil, no combaiste againn air bòrd, bha ioghnadh gu leòr air ciamar a chaidh aig an sgiobair air tighinn as a’ Ghaidhealtachd. Thachair gu ’n robh cairt-iuil is combaiste aige ri sheachnadh, agus thug e do’n sgiobair iad. Ach ged a ghabh an sgiobair gu toileach uaithe iad, cha robh na sgoil aige na dheanadh feum dhe’n chairt-iuil. Bha an combaiste glé fheumail dhuinn air an rathad dhachaidh. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, rainig sinn dhachaidh gu sàbhailte; ach thug sinn uine mhath air an rathad. Bha sinn uile toilichte gu leor aon uair ’s gu’n do chuir sinn ar cas air tir. Agus ged a chaidh sinn ann an cunnart an oidhche an deigh dhuinn falbh a Grianaig, fhuair sinn as gu sabhailte. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XXVIII. Ghabh am Persianach ioghnadh an uair a chual’ e an fhreagairt a thug mo bhrathair air, agus an uair a chuir e ’dha laimh air a bhrollach, mar gu’m biodh e ’dol a shracadh aodaich, thuirt e, “Am bheil e comasach gu’m biodh duine cho bochd riutsa ann am Bagdad, am feadh ’s a tha mise ann gu cobhair a dheanamh air do leithid? Cha ’n fhaod a leithid sin a bhith” Bha mo bhrathair an duil, an uair a chual’ e na briathran so, gu’n robh an duine a’ dol a bhith anabarrach fialaidh ris, agus thug e a mhile beannachd air, agus ghuidh e gu’m biodh sonas mor aige. “Cha bhi aig neach sam bith ri radh,” ars’ am Persianach, “gu’n cuir mise cul rint, agus cha bu mhiann leam gu’n dealaicheadh tusa rium.” “A mhaighstir,” arsa mo bhrathair, “air m’ fhacal, cha do bhlais mi greim bidh an diugh.” “Am bheil e fior gu’m bheil thu fhathast ’na do thrasgadh?” fhreagair e. “Ochan, a dhuine bhochd! tha thu gus a bhith marbh leis an acras. Trothad an so, ’ille, agus grad thoir dhuinn mios uisge, a chum gu’n nigh sinn ar lamhan,” ars’ esan ’s e glaodhaich le guth ard. Ged nach d’ thainig gille steach do ’n t-seomar le mios uisge, thoisich am Persianch ri suathadh a lamhan mar gu’m biodh e ’g an nigheadh, agus dh’ iarr e air mo bhrathair a lamhan a nigheadh cuide ris. Shaoil mo bhrathair gu’n robh toil aig a’ Phersianach spors a dheanamh; agus o’n a thuigeadh e fhein spors is feala-dha gle mhath, agus o’n a bha fhios aige gu’m b’ e gliocas nan daoine bochda a h-uile toileachadh a thoirt do na daoine beairteach, nam bu mhath leotha dad fhaotainn uapa, sheas e dluth, agus rinn a’ cheart ni a rinn am Persianach fhein. “Thoir a steach an so biadh a dh’ itheas sinn, agus na bi ’g ar cumail fada ’g a fheitheamh,” ars’ am Persianach ri gille nach robh ri fhaicinn. An uair a thuirt e so, ged nach tugadh ni sam bith a steach do ’n n-ionnsuidh, thoisich e le ’lamhan ’s le ’bheul mar gu’m biodh e gearradh bidh air trinnsear, agus ’g a itheadh. Thuirt e ri mo bhrathair, “Siuthad, a charaid, gabh do bhiadh a cheart cho saorsnail ’s cho sunndach ’s ged a bhiodh tu ’s an taigh agad fhein. Siuthad, siuthad; tha thu ’g radh gu’m bheil thu gus a bhith marbh leis an acras, ach ’s ann a tha thu mar nach biodh acras sam bith ort.” “Tha mi ’g iarraidh mathanais, mo thighearna,” arsa mo bhrathair, agus e ’deanamh a cheart ni a bha am Pearsianach a’ deanamh, “tha sibh a’ faicinn gu’m bheil mi ’gabhail mo bhidh cho math ’s cho cabhagach ’s is urrainn mi.” “Cia mar a tha ’n t-aran so a’ cordadh riut?” ars’ am Persianach. “Nach ’eil e fior mhath?” Ged nach robh aon chuid aran no feoil ri fhaicinn, thuirt mo bhrathair, “Cha d’ ith mi aran riamh cho geal ’s cho grinn ris.” “Ith lan do chuirp dheth,” ars’ am Persianach; “air m’ fhacal gu’n do phaigh mi coig ceud bonn oir air son a’ bhoirionnaich a tha deasachadh an arain sin dhomh.” An deigh do ’n Phersianach an t-aran a mholadh gu math ’s gu ro mhath, ghlaodh e rithist, “’Ille, thoir a steach an so mios eile.” Ged nach robh gille ri fhaicinn, thuirt am Persianach ri mo bhrathair, “Siuthad, mo dheadh charaid, blais rud dhe na bheil ’s a’ mheis so, agus innis dhomhsa an do bhlais thu feoil is brot eorna riamh na ’s fhearr.” “Tha e anabarrach math,” arsa mo bhrathair, “agus tha sibh a’ faicinn gu’m bheil mi ’g a itheadh gu sunndach.” “Tha thu ’g am chur fo chomain mhoir,” ars’ am Persianach; “agus o ’n a tha mi ’faicinn gu’m bheil am biadh a’ cordadh riut cho math, tha mi ’guidhe ort gu’n ith thu h-uile greim dheth.” Beagan uine ’na dheigh sid, dh’ iarr e geadh roiste a thoirt a steach do n-ionnsuidh, agus eanaraich air a dheanamh de chaochladh sheorsachan spiosraidh; ach ged nach d’ thainig ni no neach a steach do ’n t-seomar, thuirt am Persianach ri m’ bhrathair, “Tha ’n geadh gle reamhar; agus cha ’n ith thu dheth ach cas agus sgiath. Feumaidh sinn gun mhoran a ghabhail an drasta, oir tha iomadh mios eile ri tighinn a steach ugainn fhathast.” Dh’ iarr e caochladh mhiosan eile a thoirt a steach; agus ged a bha mo bhrathair gus a tholladh leis an acras, bha e leigeadh air gu’n robh e a’ sior itheadh rud dhe na bha anns gach meis. Ach ged a rinn e ’moladh air a h-uile rud a bha e ag ordachadh a thoirt a steach, b’ e feoil uain a bh’air a bheathachadh le cnomhan, am biadh a b’ fhearr a mhol e. “So agad mios,” ars’ esan, “agus cha ’n fhaicear a leithid air bord duine sam bith ach air mo bhord-sa. B’ fhearr leam gu’n itheadh tu do shath dhi.” An uair a thuirt e so, shin e mach a lamh, mar gu’m biodh pios dhe ’n uan aig innte, agus chuir e gu beul mo bhrathair i, “So; ith sin, agus tuigidh tu gu’m faodainn-sa a’ mhios a mholadh cho math ’s a rinn mi.” Dh’ fhosgail mo bhrathair a bheul, agus bha e mar gu’m biodh e ’cagnadh ’s a’ sluigeadh na feola, agus a’ leigeadh air gu’n robh i ’cordadh ris anabarrach math. “Dh’ aithnich mi gu’n cordadh i riut,” ars am Persianach. “Cha do bhlais mi riamh air biadh a’s grinne ’s a’s milse na so,” arsa mo bhrathair. “Tha gach ni a th’ agaibh air a’ bhord anabarrach blasda.” Ghrad dh’ ordaich am Persianach mios eile ’thoirt a steach. “So agad,” ars’ esan, “mios a’s fhearr is urrainnear a chur air beulaobh duine sam bith. Tha beagan dhe gach seorsa spiosraidh a’s blasda agus a’s luachmhoire na cheile air a chur innte comhladh ris gach seorsa bidh a’s brioghaire na cheile. Tha mi lan-chinnteach gu’n cord a’ mhios so riut cho math ri greim a bhlais thu riamh fhathast. Cia mar a tha sin a’ cordadh riut?” “Tha e air bhiadh cho blasda ’s a chaidh an ceann duine riamh,” arsa mo bhrathair. Faiceam gu’n ith thu do shath dheth,” ars’ esan. “Hollo, ’ille, thoir a steach tuilleadh dhe ’n cheart sheorsa,” ars’ esan. “Ma ’s e bhur toil e, cha toirear an corr a steach. Cha ’n urrainn mise greim itheadh tuilleadh,” arsa mo bhrathair. “So, so; thoir air falbh gach ni a th’ air a’ bhord, agus thoir a steach an so measan dhe gach seorsa,” ars’ esan ris a’ ghille nach robh ri fhaicinn. Bha e ’na thosd tiotadh, mar gu’m biodh e ’deanamh dail gus an tugadh an gille air falbh na nithean nach robh air a’ bhord. An ceann beagan uine thuirt e ri m’ bhrathair, “Gabh rud dhe na measan so; tha iad ur, fallain, blasda.” Thoisich iad le cheile ri obair le ’n lamhan agus le ’m beoil mar gu’m biodh iad a’ rusgadh agus ag itheadh mheasan. Na dheigh sid dh’iarr am Persianach air mo bhrathair nithean eile itheadh. “Tha h-uile seorsa bidh an so,” ars’ esan, “agus tha mi ’n dochas gu’n gabh thu na thig riut dhe gach seorsa ’tha mu d’ choinneamh.” Thoisich mo bhrathair ri obair le bheul mar gu’m biodh e ’g itheadh gu trang. Mu dheireadh dh’ fhas a chidhlean goirt le fas-chagnadh, agus thuirt e, “Mo thighearna, tha mi lan-shasaichte, agus air an aobhar sin, cha’n urrainn mi greim itheadh tuilleadh.” “Feumaidh sinn a nis deoch ol an deigh na ghabh sinn de bhiadh,” ars’ am Persianach. “Faodaidh sibhse fion ol, ma thogras sibh; ach air mo shon-sa dheth, cha ’n ol mi deur, oir tha e air a thoirmeasg dhomh deur fiona ol,” arsa mo bhrathair. “Tha thu tuilleadh is faicleach,” ars’ esan; “dean thusa mar a chi thu mi fhein a’ deanamh.” “Olaidh mi beagan gus ar toileachadh,” arsa mo bhrathair; oir tha mi ’faicinn gur math leibh a’ chuirm a dheanamh cho coimhlionta ’s a ghabhas deanamh. Ach o nach ’eil mi cleachdadh a bhith ’g ol fiona, tha eagal orm gu’m faod mi gniomh mi-iomchuidh a dheanamh, agus cha bu mhath leam mi fhein a ghluasad gu mi-mhodhail ann bhur lathair-se. Air an aobhar sin, tha mi ’guidhe oirbh, gu’n gabh sibh mo leithsgeul. Is fhearr leam uisge ol na fion.” “Cha ghabh mi do leithsgeul idir,” ars’ am Persianach; “feumaidh tu fion ol.” Aig a’ cheart am dh’ ordaich e fion a thoirt a steach; ach cha tugadh am fion a steach na ’s mo na thugadh am biadh a steach. Thoisich am Persianach, ma b’ fhior, ri cur fiona ann an glaine dha fhein an toiseach, agus ’na dheigh sin do m’ bhrathair. “Ol sin air mo shlainte,” ars’ esan, “agus innis dhomh cia mar a tha ’m fion a’ cordadh riut.” Rug mo bhrathair, ma b’ fhior, air a’ ghlaine, sheall e air an fhion feuch ciod e an dath a bhair, chuir e ri ’shroin e feuch ciod e am faileadh a bha as; ’na dheigh sin chrom e cheann ris a’ Phersianach, a’ ciallachadh gu’n robh e gabhail de dhanadas air fhein am fion ol air a shlainte; agus mu dheireadh bha e mar gu’m biodh e ag ol an fhiona le toil ’s le tlachd. “Mo thighearna,” ars esan, “tha ’m fion so gle mhath, ach tha mi ’smaointean nach ’eil e laidir gu leor.” “Ma ’s e fion a’s treise na sin a’s fhearr leat, gheibh thu e, oir tha iomadh seorsa fiona agamsa anns an t-seilear. Feuch cia mar a chordas am fion so riut.” An uair a thuirt e so, thoisich e, ma b’fhior, ri glaine a lionadh de dh’ fhion eile, dha fhein ’s do m’ bhrathair. Lean iad mar so greis mhor air ol an fhiona, ma b’ fhior, gus mu dheireadh an do leig mo bhrathair air gu’n robh e air a dhalladh leis an daoraich. Is e thainig as a’ chuis mu dheireadh gu’n do bhuail e dorn air a’ Phersianach ann an toll na cluaise, agus leag e ’na sgleog air an urlar e. An uair a bha e ’dol a thoirt buille eile dha ’n Phersianach, rug e air laimh air, agus thuirt e, “An ann air a’ chaothach a tha thu?” Leig mo bhrathair air gu’n robh e air grad fhuarachadh o ’n mhisg, agus [TD 331] [Vol. 7. No. 42. p. 3] thuirt e, ‘Mo thighearna, leig sibh gu caoimhneil a steach do ’n taigh mi, agus thug sibh cuirm shoghmhor dhomh. Cha bu choir dhuibh toirt orm moran fiona ol an aghaidh mo thoile; oir dh’ innis mi dhuibh roimh laimh, gu’m faodadh am fion toirt orm nithean mi-iomchuidh a dheanamh ’n ’ur lathair. Tha mi gle dhorranach air son mar a rinn mi, agus tha mi ’g iarraidh mile mathanas oirbh,” Mu’n gann a labhair mo bhrathair na briathran so, an aite bhith ann am feirg ris, is ann a thoiseach an Persianach ri gaireachdaich gus an robh a chliathaichean goirt. “Is fhada o ’n a bha toil agam greim fhaotainn air fear dhe do sheorsa. Cha ’n e mhain gu’m bheil mi ’toirt mathanais dhut air son na buille ’thug thu dhomh, ach is e mo mhiann gu’m bi sinn a so suas ann an dluth chairdeas ri cheile, agus gu’n dean thusa do dhachaidh dhe mo thaigh sa. Rinn thu gach ni a ghabhadh deanamh a chum mise thoileachadh, agus bha foighidin agad gus am fealla-dha a bha mi ’deanamh a chumail air aghart. Gabhaidh sinn a nis biadh comhladh ri cheile da rireadh. An uair a thuirt e so, bhuail e ’dha bhois ri cheile, agus thainig seirbhisich a steach do ’n t-seomar. Dh’ ordaich e dhaibh gach seorsa bidh a b’ fhearr na cheile dheanamh deiseil gun dail sam bith. Rinneadh mar a dh’ordaich e, agus chuireadh iomadh seorsa bidh air am beulaobh. Mu dheireadh an uair a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n bhiadh, thogadh gach ni air falbh bhar a’ bhuird, agus thugadh a steach fion dhe gach seorsa. Aig a’ cheart am thainig seirbhisich a steach air an eideadh ann an trusgain mhaiseach, agus thoisich iad ri gabhail oran ’s ri cluich air innealan-ciuil. A dh’aon fhacal, bha h-uile aobhar aig Shacabac a bhith riarachte leis gach caoimhneas agus fialachd a bha am Persianach a’ nochdadh dha. Bha e dha mar charaid, agus thug e dha deise dhe aodach fhein. (Ri leantuinn.) AM FEAR A CHROCH E FEIN. LE IAIN MAC PHAIDEIN, GLASCHU. Ged a bha Dòmhnull a chléibh na dhuine còir, neo-lochdach, agus na dheadh chomhearsnach, cha robh e féin agus Mairearad a bhean a còrdadh cho math ’s bu chòir do chàraid phòsda a bhith. Bha eadar-dhealachadh mor eadar nàdur Dhòmhnuill agus nàdur a mhnatha. Bha Dòmhnull gu seamh, cialach, socrach, a gabhail an t-saoghail mar a thigeadh e, gun a bhi fuasach mor air a chuir mu ’n cuairt mu’n latha màireach. Bha Mairearad gu buaireasach luasganach, uasaideach, làn iomagain, daonan a cur iomachair; cha b’urrainn i toilinntinn a ghabhail ’am maitheas an latha diugh air eagal gu’m biodh an latha màireach dona. Bha iad a gleidheadh balach buachaille fad an t-samhraidh agus an fhoghraidh, ach dh’ fheumadh Dòmhnull fein a bhi ris a bhuachailleachd ’s a gheamhraidh a chionn, mar a thuirt Mairearad féin—“Cha robh dad eile aige ri dheanadh.” Air a’ bhliadhna shònraichte anns na thachair na bheil mi nis a dol a dh’ innseadh dhuibh an uair a thòisich an latha air fàs fada bu mhath leis a bhuachaille aig Dòmhnull a bhi dol a mach air chéilidh do thaighean nan coimhearsnach, ach cha ’n fhaodadh e sud a dheanadh uair sam bith gun cead Mairearad. An uair a thainig Oidhche-shamhna, ged bu mhath leis a’ bhuachaille faodainn a’ mach còmhla ri balaich eile, cha robh de mhisnich aige na dh’ iarradh an cead, a chionn cha deachaidh dùnadh air beul Mairearad ach a trod o’n a thainig an oidhche. Gun teagamh ’se Dòmhnull a bha faodainn a chuid bu mhiosa de throd Mairearad, ach bha ’m buachaille e fein a faodainn cora sgobag gheur, an drasd ’sa rithisd, agus bha h-uile rud a bh’ ann a nochdadh gu soilleir nach robh fuarag no greadhnachas sam bith a dol a bhi ’n tigh Dhòmhnuill air an oidhch’ ud, ged a b’i Oidhche-shamhna fein a bh’ ann, agus ma chuala Mairearad riamh an sean-fhacal, a tha ’g ràdh, “An neach nach dean Nolaig ga dheòin ni e trasg ga dh’ aindeoin,” ma chuala, feumaidh gu’n do leig i air dichuimhn’ e; co dhiu cha robh i air son Samhainn a chumail ga deòin. An uair a smaoinich Domhnull gu’n robh gu leoir do’n t-seanachas ud aige dh’ éirich e bhar an fhuirm air an robh e na shuidhe, agus gabh e sios a’ chatha, ag ràdh, ris a bhuachaille thar a ghuaille, “mar a thuirt an saighdear a bha ’n Gleann-a-comhunn, ‘Na ’m bu mhi thu ’nochd, a choin duith, bhiodh mo leaba ’san fhraoch.’ ‘Na ’m bu bhalach buachaille mise an nochd, cha’n ’eil cailleach ’san duthaich a chumadh a stigh mi.” ’N uair a chunnaic Mairearad gu’n d’ fhalbh Dòmhnull a mach, tharrainn i rithe a chuidheall, ’s thoisich i air snìomhach ’s cha robh smid a tighinn ás a beul; dh’ fhaoidhe gu’n do ghabh i rud beag deth dh’ aireachas air son gu ’n d’ thuirt e na h-uibhir, ach chaidh a ràdh gur a h-ionnan aireachas criche ’s a bhi ’cur an t-sìoil mu Fheill-Márta. Ach co dhiu, shuidh am buachaille mar a bh’ aige ’s gun facal a tighinn ás a cheann; ri ùine thòisich Mairearad air fàs iomagaineach mu Dhòmhnull; chuimhnich i gur h-i Oidhche-shamhna bh’ann, agus gur h-iomadh rud a bhiodh a tachairt air an oidhch’ ud; chuimhnich i cuideachd—na ’m fiagheadh Dòmhnul dram, gu ’n gabhadh Dòmhnull dram; thuirt i’n sin ris a bhuachaille—“Bi falbh a mach feuch am faic thu do Mhaighstir,” (’se do Mhaighstir a bh’ aice air nuair nach biodh Domhnull féin ’s an làthair. Cha d’ feith am buachaille ris an ath òrdugh; dh’éirich e ’s ghabh e mach. An uair a bha e dol seachad air dorus an t-seomair, nach robh uile gu léir dùinte, ’s ann a shaoil e gu ’m fac e aodach Dhòmhnuill air cathair faisge air an dorus, agus an uair a fhuair e air taobh a muigh an taighe, sheall e a stigh troimh uinneag an t-seòmair, agus bha direach a h-uile rud mar a shaoil e; bha aodach Dhomhnuill air a chathair, agus Domhnull fein na leabaidh. Bha sud uile gu leir gasda leis a bhalach, dh’fhaodadh e’n sin dol far an thogradh e; a dh’ iarraidh Dhòmhnuill o’n a bha fios aige c’ àite an robh e. Cho luath ’sa fhuair am balach á éisdeachd Mairearad thòisich e air feadaireachd, ach mu’n d’ fhuair e trì cuir air a phort, ghlaodh cuideigin làmh ris, “Tog de d’ fheadaireachd ’eòin, ’san tigh gun tubha.” Co bha ’n sud ach Cailean bàn, ’s e mach a gabhail sràid; bha garadh math càil aig Cailean, ’s cha ’n eil teagamh nach robh beagan iomagain air gu ’m faodadh an càl a bhi air dhroch dhiol mu ’n tigeadh a mhaduinn, ach ’se thuirt e ris a bhalach, “Seadh a nis, de’n t-olc is feàrr no is miosa a tha d’ bheachd a chur an gniomh mu’n tig an latha màireach?” “’Se na bheil de mhath, no de chron, air m’ aire-sa,” ars an balach, “fuireach a mach fad na h-oidhche ag iarraidh Dhòmhnull, ged is math tha fhios agam c’àite ’bheil e.” Dh’ innis e’n sin do Chailean mar a dh’ fhàg e gnothaichean a stigh. Dh’ éisd Cailean tacan ris na bha’m balach ag radh, agus an sin thuirt e, “O nach iomadh latha ’s bliadhna o na rinn mise ’n cleas mu dheireadh air Oidhche-shamhna, agus nach bu shuarach an cron ged a dheanainn aon chleas eile fathast; saoil an rachadh agad air dol a stigh gu’n fhios do Mhairearad agus aodach Dhomhnull a ghoid?” “Theid,” ars’ am balach, “ma tha Mairearad aig a chuidhill fhathast, ’s tha mi ’creidsinn gu ’m bheil, cumaidh srannd na cuidhle fuaim mo chas á cluasan Mairearad; ach co-dhiu, air son am barrachd faicill, cuiridh mi dhiom mo bhrògan.” An sin dhealaich na fir, am balach a dol a stigh a ghoid aodach a mhaighstir, agus Cailean a dol gu thigh fein; bha cùnannta eadartha gu ’n coinnicheadh iad a cheile ann an sabhal Dhomhnuill ann an uine ghoirid. Bha teaghlach mor aig Cailean, ’s bha ’n fheadhainn bu shine dhiu air falbh air a Ghalldachd; chuir a h-aon dhiu sud dhachaidh dh’ ionnsuidh a bhràithrean beaga a bh’ aig an tigh, aodainn fhuadain, rud nach facas ’sa bhaile ud riamh roimhe. Gun teagamh, bhiodh an òigridh a feuchainn ri aodainn fhuadain a dheanadh air tuirneap, ach cha robh an sud ach rud gun loinn ann an coimeas ris na h-aodainn eireachdail a thainig as a Ghalldachd. Thug am fear a chuir dhachaidh iad ordugh nach robh na h-aodainn ri bhi air an toirt am folais gus an tigeadh Oidhche Shamhna, agus thug Cailean an aire gu ’n robh sud air a dheanadh. Chuir e fein seachad iad, gu sàbhailte fo ghlais, gus an tigeadh an oidhch’ ud. Co dhiu, cha robh e fada a faodainn a h-aon bu dirge gruaidhean a bha na measg, comhla ri dòrlach de ’n t-snàth lìon, agas an t-snathad mhor, ’sa mach a ghabh e ’s thug e sabhal Dhomhnuill air, far an robh am buachaille a feitheamh air leis a h-uile bad de dh’ aodach Dhomhnuill gu ruig a’ bhoineid agus a bhrògan; agus ged nach robh de sholus aca ach na bha ’ghealach a cuir a stigh air braoisg bheag a bh’ air dorus an t-sabhail, lìon iad aodach Dhomhnuill deth ’n fhodar, a deanadh bodach-ròcais cho math ’sa sheas riamh air achadh. Chaidh an t-aodann fuadain fhuaghal air cnap cruaidh de dh’ fheur caoin. Bha a’ bhoineid agus coilichin mor a còmhlachadh a chéile aig cùl a chinn, agus an uair a fhuair iad deas e thuirt Cailean nach robh Domhnull fein cho eireachdail na phearsa ris. “Cha robh,” ars’ esan, “an latha b’ fhearr a bha e riamh.” Chuir iad an sin ròpa mu amhaich, agus chroch iad ris an spàrr e. “A nis,” arsa Cailean ris a bhalach, “bi falbh a suas do ’n tigh agus abair ri Mairearad nach fac thu mir de Dhomhnull; ach gu ’m bheil dorus an t-sabhail fosgailte, agus gu ’m bheil thu ’m beachd gur h-e tha ’n crochadh ris an spàrr.” Dh’ fhalbh am balach agus rinn e mar a dh’ iarradh air. Agus an uair a chuala Mairearad an sgeul ud, chaidh i mach air an dorus coltach ri neach a bhiodh ag imeachd troimh a chadal; ach cho luath ’sa fhuair i mach thòisich i air glaodhaich, agus thug i moran de mhuinntir a’ bhaile mu ’n cuairt oirre. ’Nuair a fhuair iad solus, ’sa sheall iad ris an spàrr, chunnaic iad sealladh a chuir uamhas orra.” “Thainig e ris fein,” ars’ an darna h-aon, ann an cagar ris an aon eile. “Nach e aodann tha dearg?” arsa Calum muillear. “Tha e ann a sin,” arsa Cailean bàn, “ach tha aodann a h-uile neach a theid a chrochadh dearg.” Tha e duilich a dheanadh a mach cia mar bha fios aig Cailean de bu choltas do ’n fheadhain a theid a chrochadh, a chionn tha mi cinnteach nach faca Cailean neach a chaidh a chrochadh riamh. Ach co dhiu, ’s e Cailean an aon neach a bh’ anns an t-sabhal anns an robh de mhisnich na dhirich ris an spàrr, agus a laimhsich an rud a bha ’n crochadh rithe; agus an deigh sud a dheanadh thuirt e gu robh an rud a bha e a laimhseachadh cho marbh ri sgadan a bhiodh oidhche ann an salann. Ach ged bu duine tratach Cailean bàn, cha bu duine cruadh-chridheach e, agus bha tuireadh bhrònach Mairearad a cuir mulaid air; agus rinn e suas inntinn air son casg a chur air an ùb àb a bh’ anns an t-sabhal cho luath ’sa bhiodh sin freagrach, ’s b’e sin an ùb àb gun a leithid. Theich Donnacha mor dhachaidh, ’s bha iad ga chluinntinn (Air a leantuinn air taobh 334.) [TD 332] [Vol. 7. No. 42. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., MAIGH 19, 1899. NA CEILTICH. Is iomadh sgoilear aluinn, durachdach agus dileas a rinn agus a tha ’deanamh saothair ghasda as leth bardachd ’us eachdraidh ’us abhaistean aosmhor Eirinn. Tha moran Eirionnaich geur-inntinneach agus tapaidh, a dearbhadh gu follaiseach agus gu diongmhalta gu bheil iad fior-mheasail air an duthaich, agus air na gniomharan iongantach a rinn am baird ’us an seanachaidhean. Buinidh cliu ro mhor agus aite urramach do Eoghann Mac Mhuirich; oir sgriobh e oraidean lionmhor agus ionnsaichte mu dheibhinn Eirinn, agus a liughad leabhair briagh ’us foghluimte air am bheil coir dhligheach aig Eirinn. Cha d’ fhuair Mac Mhuirich cothrom ro mhaith ann an laithean oige air foghlum farsuing no domhainn a thrusadh. Is ann le ’dhichioll fein a fhuair e an t-eolas iongantach ’us ceart a bha aige ’s a nochd e ann an cuisean Eirinn, agus am feadh a bha e ’na fhear teagaisg ann an Oil-thigh Rioghail Eirinn. Ged bha e co foghluimte, ’s ged bha e co comasach air sean leabhraichean a dhuthcha ’rannsachadh gu pongail ’us gu mionaideach, is e sgoilear anabarrach iriosal ’us beusach ’us modhail a bha ann. An uair a thoisich cuairt Oil-thigh Rioghail Eirinn, agus a bha luchd-teagaisg air an roghnachadh, cha robh fiughair no iarrtus no dochas air bith aig Mac Mhuirich gu bitheadh e fein air a roghnachadh a theagasg Eachdraidh Eirinn, agus a thabhairt eolais seachad air gniomharan aosda ’s beachdan ’us abhaistean seana na duthcha. Is maith agus is ro-mhaith a fhuaradh Mac Mhuirich. Liubhair e oraidean blasda agus aluinn mu dheibhinn nan leabhar sgriobhta urramach a tha ann an Eirinn, agus mu dheibhinn gach eachdraidh aosda ’s furanaich a tha fathast ri fhaotainn an ear ’s an iar anns an duthaich. Sgriobh e mar an ceudna leabhraichean gleusda ’s fiachail mu dhoighean ’us abhaistean ’us beatha sluaigh Eirinn, anns na linntean a tha ’nis liath le sneachd nam bliadhnachan. Is ann le aobhar laidir, sonruichte ’mhol am Bard Ileach an sgoilear Eirionnach gasda so: A dhuin’ uasail, fhoghluimte, mhuirnich, Ged bha mo cheolradh ’s an smuraich Corr ’us fichead bliadhna, dhuisg i ’Nuair chuala i ainm an fhir chliuitich, Eoghann gu buaidh. Eirinn uaine tog do cheann, ’S na bi ni ’s mo fo ghlasaibh teann; Do chainnt oirdheirc oil do d’ chlann A thogas cliu le gloir neo-fhann Air Eoghann gu buaidh. Tha tir nam beann ’us nan tuil an gaol ort— Sean Albainn chruaidh ’na morachd aosda, ’Toirt furain duit le lamhan sgaoilte A dh’ aindeoin co their nach faod i, Eoghann gu buaidh. Guidheamaid dhuit cliu us slainte, Urram ’us meas anns gach aite; ’S coir nach bi mise mar tha cach dhuit, Huru mise mo chridh’ Righ na Gailig— Eoghann gu buaidh. Chaochail bho cheann beagan bhliadhnachan, sgoilear eireachdail Eirionnach eile d’ am b’ ainm Seaan Mac Eamoinn Oig Ui Dhonnabhain, a chur an ordugh Grammar Eirionnach, agus a rinn seirbhis snasmhor ann an slighean eile do Eirinn agus a h-eachdraidh ’s a canain. Is e Eirionnach teoma, geur, dealasach agus neo-sgathach a tha ann an Bourc, ann an Oil-thigh Iarfhlath Thuaim, far an do chaith ard-Easbuig na h-Airde ’n iar moran de ’laithean, agus far an d’ rinn e moran saothair, agus far an do nochd e moran eud ’us dilseachd airson a dhuthcha bhoidheach fein, agus airson ainm ’us cliu nan Ceilteach gu h-iomlan. Tha an diugh feachd lionmhor, gaisgeil de sgoilearan aig an Eilean Eirionnach ’na criochan fein, agus mar an ceudna ann an tirean cein. Rinn mi oidheirp cheana air mo bheachd fein a dhearbhadh gur ann air Calais, (Caolas) a thainig na Gaidheil air tus bho ’n Roinn-Eorpa do Bhreatunn, agus gu d’ imrich iad mu thuath gus an d’ rainig iad Albainn, agus gu deachaidh iad thairis bho thaobh mu dheas Albainn do ’n Eilean Eirionnach. Ruig cuibhrionn de na Gaidheil airde ’n iar Shasuinn, agus chaidh iad thar an fhairge do Eirinn. Cha ’n ’eil ann an cearna air bith de Albainn focail no ainmean a’s modha snuadh ’us brigh na Gaidhlig na na h-ainmean leis an aithnichear cnoic ’us sruthan ’us cillean ’us doireachan ’us lochan Eirinn gus an latha ’n diugh. Is iad na Scoti ’thainig as Eirinn gu h-Albainn, agus a steidhich rioghachd Dhailriada ann an Earra-ghaidheil, a thug an t-ainm Beurla Scotland, a tha Albainn a’ giulan air feadh an t-saoghail gu leir. Tha na Gaidheil a’ cumail a mach gu proiseil agus gu toilichte gu do ghleidh an t-ainm Albainn gun mhilleadh gun mheasgadh, agus nach d’ rinn iad oidheirp riamh air snuadh no sgeadachadh Gaidhlig a chur air an ainm Scotland. Dh’ innis mi cheana gur e am feallsaimh oirdheirc Greugach Aristotle, a rinn a cheud iomradh air Albainn. Bha ’na bheachdsan Albainn a filleadh a stigh Albainn agus Sasuinn mar an ceudna. On tha ’n t-ainm Albainn a nis a’ ciallachadh Albainn no Scotland a mhain, faodaidh gach Gaidheal a bhi ’tarruing aiteis bho ’n ni so fein, gur iad Gaidheil Albainn clann ’us oghachan nan Gaidheal churanta, mhearganta—nan Gaidheal a thainig thairis bho ’n Roinn-Eorpa gu Breatunn am feadh a bha fineachan an t-saoghail fathast og ’us lag ’us luasganach. Is Albannach mise! Rugadh mise ann an Albainn! Is Gaidheal Albannach mise! Is ann air an doigh so ’labhras Gaidheal anns gach cearna de ’n t-saoghal mu dheibhinn fein. Is e Sasunnach a tha ann! Rugadh e ann an Sasunn! Is e Sasunn no fonn no tir nan Sasunnach, an ainm a’s abhaist do na Gaidheil a bhuileachadh air Sasunn, no mar theirear anns a’ Bheurla, England. Eirinn: (i no eilean iar fhonn) is e so ainm an Eilein Eirionnaich, no mar their na Sasunnaich, Ireland. Tha Albann a’ ciallachadh fonn nan Alp no nan Alb—tir nan cnoc. Ann an cnoic arda ’s uamhasach na Roinn-Eorpa, na h-Alps, tha ’m focal Alb no Alp a lathair. Tha ’m freumh fonn r’a fhaotainn ann an eilean eile fhonn. Sasunn: fonn nan Sasunnach. Obann: fonn nan ob. Is Breatunnach mise! Rugadh mise ann am Breatunn! Is e focail Ghaidhlig a tha ann am Breatunn agus Breatunnach. Galbraith: is e so an t-ainm Beurla leis an aithnichear mac a’ Bhreatunnaich. Bha aig na Cuimrich rioghachd ann an ceann mu dheas Albainn. B’e Dun Breatunn, (Dum-barton) baile rioghail na rioghachd so; agus is ann bho na Breatunnaich so ’thainig gach Mac a’ Bhreatunnaich no Galbraith a tha am measg Gaidheal Albainn. CONA. A FRAMBOISE. Ged a bha ’n geamhradh cho ro fhuar reota ’sa bha e, ’s ann a tha toiseach samhraidh anabarrach briagha blath againn; agus ’s ann a bhitheas daoine ullamh de ’n churachd moran ni ’s traithe na bha duil aca. Tha iasgairean na giomach ni ’s anamoiche a toiseachadh ri iasgach am bliadhna na b’ abhaist dhaibh. Bha ’n deigh mhor mu ’n cuairt gus bho chionn seachdain; ach tha i nise air a casan thoirt as, agus gheibh iad cothrom a nise air toiseachadh air iasgach. Tha iad a faighinn da dholair airson gach ceud punnd a ghlacas iad; ach ’s e ’s docha gu ’n ardaichear a phris sin ro cheann an t-samhraidh. Tha sinn a tuigsinn gu do shonruich an commission a bha air a chur a mach le luchd-riaghlaidh an iasgaich, agus a chuir cuairt air feadh cladaichean na mor-roinnean iosal, gu ’m biodh e ceart gu faigheadhmaid cead bho so suas air toiseachadh air iasgach bho ’n a cheud la do ’n t-samhradh gus a cheud la de ’n fhoghar; ach air na cladaichean an iar oirnn cha ’n ’eil cead aca leantuinn cho fada sin. Tha ’n cladach againn air an taobh a deas an so cho doirbh ’s cho creagach ’s nach ’eil an giomach a tighinn a dh’ ionnsuidh a chladaich a faisg cho trath ’san earrach ’sa tha iad a tighinn ’san taobh an iar, far a bheil baghan mora, farsuinn, socair; ’s cha ’n ’eil teagamh nach e sin, agus a mhoill a tha ’n deigh mhor a cur oirnn gach toiseach samhraidh, a b’ aobhar gu ’m biodh cothrom air a thoirt dhuinn iasgach gus a cheud la de ’n fhoghar. Tha fathunn a dol mu ’n cuairt an drasda gu bheil cuideachd laidir a mhuinntir na Staitean a dol a thogail rathad-iarainn eadar Caolas Chanso agus Louisbourg, air an taobh a deas so. Cha ’n ’eil teagamh nach b’ fhearrd an taobh so de ’n eilean rathad mar sud a bhi ruith troimhe; ach thatar a bruidhinn air a leithid a bhi air a dheanamh bho ’n is cuimhne leam, gu ruige ’s gun deachaidh an t-slighe a bha iad gus a ghabhail eadar an da aite ud a ruith tri uairean mar tha. Agus gach uair dhiu sin bha cuideachd no cuid-eiginn, maille ri buill pharlamaid againn, an greim ann; agus a cheart cho cinnteach ’sa bha sin mar sin, dh’ fhaodamaid suil a bhi againn ri taghadh fir-parlamaid a bhi faisg air laimh. Ach cha bu luaithe a bhiodh an taghadh seachad na gheibheadh an t-each-iarainn bochd am bas le cion a bhidh. Agus mar sin, ged a tha sinn a cluinntinn ’sa leughadh gu bheil iad a bruidhinn air rathad a thogail an drasda, tha teagamh againn anns a chuis. Ach tha sinn an dochas gu ’m faod sinn a bhi air ar mealladh nar teagamh, agus gu faic sinn an uine nach bi fada, an t-each mor a sitreich sios seachad oirnn gu Louisbourg. CEANN LIATH. Maigh 1, ’99. NA SGEULACHDAN ARABIANACH. Tha caraid o’n d’fhuair sinn litir an oidhche roimhe ag radh ged nach biodh anns a Mhac-Talla ach na ‘Sgeulachdan Arabianach’ leotha fhéin, b’fhiach e dolair ’sa bhliadhna ’na shùilean-san. “Tha an t-eadar-theangachadh air a dheanamh cho math ’s gu’n saoileadh neach gu’n b’ann an Gàilig a bha iad air an sgriobhadh an toiseach.” [TD 333] [Vol. 7. No. 42. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha paipear Bhaddeck a deanamh uaill á fear a tha fuireach faisg air Baddeck, a chuir tri buiseil de bhuntàta tri latha roimh Bhealltuinn. Tha an uaill a tigh’nn tuilleadh us tràth. Deanadh e stad gus an tig am buain a bhuntàta; ’se ’s dòcha leinn nach bi aige ach na griolagan. Tha am factoridh bhròg a dol a dh’fhàgail Shidni Tuath an deigh a h-uile rud, ’s gu bhi air a toirt gu ruige Pictou. Tha e coltach gu bheil am baile sin a dol a dheanamh cuideachaidh leatha, ged nach toireadh a phàrlamaid cead dha airgead a ghabhail an iasad air son sin a dheanamh. Gu ruige so cha d’ fhuaireadh cuirp nan gillean a chaidh a bhathadh air Loch Phottle, ged a tha nise da sheachdain o’n thachair an sgiorradh muladach. Thatar ’gan sireadh na h-uile latha uaithe sin, agus tha diver ag obair o chionn seachdain, ach cha d’fhuaireadh sgeul sam bith orra. Tha an loch farsuinn, agus bheirear ùine mhor air a rannsachadh uile. Bha iomradh air a thoirt anns an àireamh mu dheireadh mu nighean òig a mhuinntir na h-Aimhne Meadhonaich, nighean Iain Mhic Neacail, a chaochail ann am Boston o chionn ghoirid; bha e air a radh gur e tighinn ri beatha fhéin a rinn i, ach tha e air innse dhuinn nach eil sin fior. Ghabh i a’ ghriùrach agus am fiabhrus dearg comhladh agus ’se sin a dh’ aobharaich a bàs. Thugadh a corp dhachaidh air an t-seachdain s’a chaidh gu bhi air adhlacadh. Deireadh na seachdain s’a chaidh thainig àireamh mhèinneadairean le’n teaghlaichean dhachaidh do Ghlace Bay, an deigh dhaibh còrr us bliadhna chur seachad ann an Crow’s Nest. Cha do chòrd an t-àite sin, no an obair a bh’aca, riutha ach gu dona, agus cha ’n eil iad riaraichte le’n cuairt idir. Tha obair gu leòr ann, ach tha’n thuarasdal beag, am biadh daor, agus an t-side mi-fhallain. Bha iad da mhios air a gheamhradh s’a chaidh gun a ghrian fhaicinn. Tha tuilleadh de na méinneadairean a tilleadh an ùine ghoirid. O’n tha daoine seachd sgith a bruidhinn ’sa cluinntinn mu Bhan-righ Victoria a bhi air a chrùn na’s fhaide na bha righ no ban-righ Bhreatunnach riamh roimhe, tha iad a nise toiseachadh air a bhi bruidhinn mu, mac, Prionnsa Wales. O’n chaidh an tiodal sin a bhuileachadh air oighre chrùin an toiseach, mu shia ceud bliadhna air ais, cha robh aon dhe’n fhichead a fhuair i ro na h-ùine sin, ris ’n do lean i cho fada ’sa tha i air leantuinn ris-san a tha ’ga mealtuinn an diugh. Tha e ’na Prionnsa Wales o’n latha rugadh e, ’s tha leth-cheud us seachd bliadhna ’s sia miosan air a dhol seachad uaithe sin. Agus tha sinn an dòchas gu’m bi e na Phrionnsa Wales àireamh mhath bhliadhnaichean fhathast. Bha cuirt na suidhe anns na Stàitean o chionn treis a dh’ùine, ma b’fhior air son an fhirinn fhaotainn a mach mu’n fheòil a bha air a thoirt do na saighdearan ’nuair a bha iad ann an Cuba; bha Seanalair Miles agus moran eile bharrachd air ag radh gu robh an fheòil grod, puinnseanta, ’s gu robh i ’g aobharachadh tinneis us bàis. Bha a chùirt air a suidheachadh leis an Riaghladh, agus ged a bha fianuisean gu leòr ann gus a dhearbhadh gu robh na bha Miles agus oifigich eile ag radh, ceart, ’se ’n co-dhùnadh gus an d’ thainig a chùirt gu robh an fheòil math gu leòr, agus cha’n eil duin’ air a choireachadh air son ni a bha cearr ach Miles fhéin. Tha a chuirt sin a nise ’na culaidh-mhagaidh aig an dùthaich, oir tha fhios gu math aig an t-sluagh gu bheil gach facal a thuirt Miles mu’n fheòil fior, ’s gur ann tuilleadh us fior a tha e. Tha boirionnach d’ an ainm Mairi Somerville anns a phriosan an New Glasgow, air son a leanabh féin, aois thri miosan, a bhàthadh. Dh’ aidich i gu robh i ciontach, agus tha i ri bhi air a feuchainn aig a chùirt mhoir air an ath mhios. Tha na lighichean dhe’n bharail gu robh i as a rian. Tha seana-bhean d’an ainm Mairi Stiùbhart, ann an Ard-na-murchan, ’sa Ghàidhealtachd, a tha ceud bliadhna ’sa sia a dh’ aois, agus nach robh latha tinn riamh. Cha ’n eil facal ’na ceann ach Gàilig. Cha’n anns an dùthaich so a mhàin a tha daoine ’s mnathan a ruigheachd aois mhor. Chaidh fear Tormad Harris, agus mac dha, a bhàthadh ann an Sandford, an siorrachd Yarmouth, toiseach na seachdain s’a chaidh, ’s iad a mach a glacadh ghiomach. Bha an duine da fhichead bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bantrach us naodhnar chloinne, a bharrachd air a ghille ’chaidh a bhàthadh, am fear bu shine ’san teaghlach, nach robh ach sia bliadhn’ deug a dh’aois. Chaidh am fear a bhrist a stigh do ’n tigh aig Professor Bell, air a Bheinn Bhreagh, a thoirt gu cùirt ann am Baddeck air an t-seachdain s’a chaidh; fhuaireadh ciontach e, agus fhuair e coig bliadhna dhe’n tigh obrach. A bharrachd air sin fhuair e ceithir bliadhna air son nithean a ghoid e as an tigh aig an am cheudna. Is fear Martin Guthro e, agus buinidh e do French Vale, anns an t-siorrachd so. Tha caraid á aon de na Roinnean Iar-Thuathach ag ionndrain nach eil e faicinn tuilleadh ainmean á Eilean a Phrionnsa am measg “Iadsan a Phàigh” Tha e ag radh gur fheudar gu bheil Gàidheil an Eilean air a dhol uaithe gu mor o’n dh’fhalbh esan as, beagan a bharrachd air fichead bliadhn’ air ais. B’ fhior thoigh leinn gu’m biodh barrachd dhiubh a gabhail MHIC-TALLA, agus tha sinn an dòchas gu’n dean iadsan a tha ’ga ghabhail cheana an dichioll air toirt air feadhainn eile cur ’ga iarraidh, a chum ’s nach bi aig neach sam bith ri radh gu bheil iad a call am meas air cainnt am màthar. Rinneadh a mach gur e ’n crò anns an robh e dol sios dha’n mhéinn a bhi cearbach bu choireach ri bàs Iain Ghillios, ann an Dominion No. 1, toiseach na seachdain s’a chaidh. Bhrist an crò am feasgar roimhe sin, agus chaidh a chàradh ann an cabhaig an deigh do’n oidhche dorchadh. Thatar ag radh nach robh e air a charadh ceart, agus ma ghabhas sin dearbhadh, cha ’n eil teagamh nach urrainn càirdean an duin’ òig an gnothuch a dheanamh gu math daor do chuideachd a ghuail. Cha ’n urrainnear a bhi tuilleadh us faiceallach timchioll air obraichean dhe’n t-seòrs ud’ ud, far am faod beagan mi-fhaiceill call mor a dheanamh. Tha comhstri mhor eadar muinntir Newfoundland agus na Frangaich o chionn iomadh bliadhna, agus gus a so cha d’ rinneadh ceartachadh sam bith air a chùis. Tha stiall mhor cladaich air taobh a deas Newfoundland air am bheil còir aig na h-iasgairean Frangach air an cuid éisg a ghlanadh ’sa thiormachadh, agus tha iad o chionn bheagan bhliadhnaichean air fàs cho ladurna ’s nach leig iad le muinntir na dùthcha feum sam bith a dheanamh dhe’n chladach sin; tha iadsan ann an làn sheilbh air. Tha an Fhraing a toirt cuideachadh do na h-iasgairean, bounty do gach aon a reir na ghlacas e. Tha an cuideachadh sin, a reir iomraidh, ri bhi air a thoirt bhuapa an ceann da bhliadhna; ma nithear sin, sguiridh a chòmhstri, oir gun chuideachadh cha’n urrainn na h-iasgairean Frangach obrachadh le prothaid, oir tha aca ri tighinn astar cho fada g’a h-ionnsuidh. Ma thachras sin cha bhi iad a cur an còrr dragha air muinntir Newfoundland; ni eile dheth, theid St. Pierre bàs, agus cha mhisde Canada sin idir, gu h-àraidh na roinnean iseal. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 334] [Vol. 7. No. 42. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 331.) air taobh a muigh an taighe ag ùrnuidh gun stad. Ach ’se bu bhrigh do ’n ùrnuidh aig Donnacha, a bhi faodainn coire do ’n Chruithfhear air son an t-saoghail chaochlaidich aingidh air na chuir e clann nan daoine a chòmhnaidh. Bha Coinneach na sùisde ’s gun dunadh a dol air a bheul ach a càineadh na deoch làidir, ’s a ’g radh gu feumadh gu ’n robh an deoch air Domhnull mu ’n d’ rinn e leithid sud deth ghnìomh uamhasach. Faodar a thoirt fa-near nach do dh’ òl Coinneach deur deth dheoch laidir o fhaighir na Bealtuinn. Bha e aig an fhaighir, agus reic e ’n seann each, a bha deich bliadhn’ aige, agus cheannaich e each ùr. A h-uile fear a mholadh an t-eich ùr bheireadh Coinneach dram dha, agus ghabhadh e fein dram cuideachd; gun teagamh bha ’n t-each math, ach ged a bha, cha robh e cho math gu Coinneach a thoirt sàbhailte dhachaidh ’sa bha ’n seann each, agus thachair an uair a dh’ éirich duine còir, cìobair, a bh’ ann ’sa choimhearsnachd, an la-’r-na-mhaireach, agus a thog e ris a mhonadh, gu ’n d’ fhuair e each agus duine air chall. An uair a thainig Coinneach gu thuigse fein, ’sa chunnaic e ’n rathad a thainig e, ’s ann a ghabh e ioghnadh agus oillt, a chionn bu ghnothach miorailteach nach deachaidh e fein ’san t-each as an amhaich; agus gun an tuille moille, chuir Coinneach e fein fo bhoidean nach òladh e deur tuille deth ’n stuth mhollaichte. Agus ’s ann air an stuth sin a bha e cuir na coire gu ’n d’ thainig Domhnull ris fein. Fad ’sa bha sud uile a dol air aghaidh san t-sabhal, bha Cailean bàn air a rathad gu tigh Dhomhnuill, far an robh, mar is math a bha fios aig Cailean, Domhnull gu socrach na leabaidh. An uair a rainig Cailean dorus an t-seòmair, chuala e gu ’n robh srannd aig Domhnull. Sheas Cailean ann an dorus an t-seòmair agus ghlaodh e air Domhnull air ainm, ’s bha Domhnull na shuidhe anns an leabaidh air a cheud ghlaodh, ’s a glaodhaich—“Co tha sud, dé tha cearr?” “Tha ’n sabhal agad ri theine,” arsa Cailean, ’s e tionndadh air a shàil, ’sa gabhail a mach an dorus. Ach mhothaich e gu ’n do ghearr Domhnull cruinn-leum air an urlar, ’s e ’glaodhaich—“M’ aodach.” A nis bha Cailean a meas, o na bha aodach Dhomhnuill anns an t-sabhal, gu ’m biodh ùine gu leòir aige-san air an t-sabhal a thoirt a mach mu faigheadh Domhnull badan eile a chuireadh e uime. Ach cha robh sud mar a shaoil Cailean a bhiodh e. Sheall e thar a ghualainn an uair a bha e mu fhichead siat o’n dorus, ’s bha Domhnull a tighinn as a dheigh, na leumannan, ’s e gun bhrog gun bhoineid, gun stial ach a léine. Agus anns an doigh sin sheas e ann an dorus an t-sabhail, ’s e a glaodhaich—“Gu de so? gu de so?” Chaidh a chuideachd a bh’ ann ’san t-sabhal a mach air an dorus na ’n gabhadh sin deanadh; ach cia mar a dheanadh iad sud, agus tamhasg Dhòmhnuill na sheasamh anns an dorus. Dh’ atharaich Paruig Mor tri daithean ann am priobadh, agus o nach faigheadh e a mach air an dorus, a mach a bhiodh e co dhiù, agus thug e ionnsaidh air dol troimh thoran a bheir cùl an t-sabhail. Ach ged a rachadh balach beag troimh ’n toran cha rachadh Paruig troimhe, gus se thachair gu ’n do stad e ann; mar a ni an sgadan anns an lion, gun dol, gun tighinn, ’se ga bheannachadh fein, agus a mollachadh a h-uile uilc, sa gairm air gach ni a b’fhearr na chéile gu còmhnadh a thoirt dha na aire; agus gun teagamh thainig fuasgladh uige—chaidh a shlaodadh an comhair a chas a mach as an toran. Ach gabh a moran do mhìneachadh agus do leudachadh mu ’n d’ tugadh air a h-uile neach a bh’anns a bhaile ud a chreidsin gu ’n robh Domhnull fathasd ann an tìr nam beo. Mhaothaich cridhe Mairearad cho mor ’s gu’n do chuir i air falbh gille “air tòir pige uisge-bheatha,” agus bha Oidhche Shamhna chridheil air a cumail ann an tigh Dhomhnull air an oidhch’ ud. Dhi-chuimhnich Coinneach na sùisde na boidean a chur e air fein aig a Bhealltuinn, agus dh’ òl e deur beag nach deanadh coire dha a chionn, mar a thuirt e fein, “Thainig sin troimh mhoran toiseach na h-oidhche, agus ’s còir dhuinn a bhi taingeil cridheil na deireadh.” Mu dha uair ’s a’ mhaduinn bha Coinneach a dannsadh ri port-a-beul, a bha e fein a seinn; b’e ’m port a bh’ aige— “Cò rib an càl againne? Cò rob an càl againne? Cò rib an càl againne? Cò rib, ’sa rob an raoir e?” Agus an uair a dhanns e gus an robh e sgith, thuirt e san anail ’san uchd aige, “O, a chuideachd, nach bochd nach robh piobaire againn, agus sinn a chluicheadh e!” Ach co dhiu, cha chualas Mairearad a trod ri Domhnull riamh tuilleadh as déigh na h-oidhche Shamhna ainmeil ud.—Highland News. Cha’n eil an t-ard-riaghladh a dol a dheanamh atharrachadh sam bith air laghannan na cusbuinn am bliadhna; tha na cisean air gach ni gu bhi direach mar a bha iad an uireadh. ’Se ’s aobhar dha sin gu bheil gnothuichean a dhol air adhart gu math anns an duthaich mar a tha, agus nach biodh e ceart no iomchuidh atharrachadh a dheanamh a dh’ fhaodadh call a chur air luchd-malairt sam bith. Air a cheud latha dhe’n ath mhios tha tim-chlar ur ri bhi aca air an rathad-iaruinn. Bidh an carbad an uair sin a fagail Shidni aig leth-uair an deigh deich ’sa mhaduinn, agus a tilleadh aig leth-uair an deigh ochd feasgar. Ruigidh an carbad a dh’ fhalbhas a so ’sa mhaduinn, Halifacs aig aon uair deug ’san oidhche. Am Feillire. MAIGH, 1899. 1 Di-luain A’ Bhealltuinn 2 Di-mairt Breith Iain Galt, 1779. 3 Di-ciaduin Breith Shéumais Mhic-an-Taillear, 1753. 4 Dior-daoin 5 Di-haoine Bàs an Ollaimh Mac Dhun-leibhe, 1873. 6 Di-satharna 7 DI-DONAICH V. Donaich an déigh na Càisg 8 Di-luain Bàs an Ridir Séumas Mac Coinnich 1691. 9 Di-mairt 10 Di-ciaduin Toisich ar-a-mach ’sna h-Innsean, 1857. 11 Dior-daoin 12 Di-haoine An fhéill chongail. 13 Di-satharna Bàs Donnachadh Bhàin, 1812 14 DI-DONAICH 15 Di-luain Bas Sir Séumas Domhnullach, 1857. 16 Di-mairt 17 Di-ciaduin An fhéill chatain. 18 Dior-daoin An eaglais shaor, 1843. 19 Di-haoine Fosgladh àrd-sgoil Chille Ribhinn, 1411. 20 Di-satharna 21 DI-DONAICH Di-donaich Caingis. 22 Di-luain Là Inbhir-ruairidh, 1308. 23 Di-mairt 24 Di-ciaduin Bàs Righ Daibhidh I., 1153. 25 Dior-daoin Bàs an Ridir U. Grànnd, 1832 26 Di-haoine Breith Sheasaidh Ghrànnd, 1805. 27 Di-satharna 28 DI-DONAICH Di-donaich na Trianaid. 29 Di-luain Bàs a’ Chardinal Beutonach, 1546. 30 Di-mairt 31 Di-ciaduin Bàs Ollamh Chalmers, 1825. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 2, U. 1, M. 33 F An Solus Ur, L. 9, U. 1, M. 25 F A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 0, M. 59 F An Solus Lan, L. 25, U. 1, M. 35 M An Cairteal mu dheireadh L. 31, U. 6, M. 41 F AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 335] [Vol. 7. No. 42. p. 7] THE MAC-TALLA PRINTING AND PUBLISHING COMPANY, LIMITED, SYDNEY, C. B. PROSPECTUS. MAC-TALLA, published in Sydney, in the Island of Cape Breton, has the distinction of being the only Gaelic newspaper in existence. It made its first appearance in the journalistic world on May 28th, 1892, as a small three-column four-page sheet, and was sold for 50c. per annum. In July, 1893, it was doubled in size, and the subscription price was raised to a dollar. It was afterwards enlarged in 1894, 1896, and 1898, so that it now presents a very respectable appearance. In regard to literary merit, the paper is now vastly in advance of what it was at its inception. When first published it consisted mostly of local news, letters, and a few selected stories; now each issue contains a large amount of purely original matter, some of the best Gaelic writers of the day contributing regularly to its columns. Considering the many disadvantages under which MAC-TALLA has laboured, its success has been wonderful. The publication of a weekly newspaper entirely in Gaelic was an experiment that had never previously been tried. The work was begun without any capital. Gaelic readers were comparatively few, and Gaelic writers fewer still. There was but little to encourage and very much to discourage the venture, so much so that many of MAC-TALLA’S warmest friends feared that it would not live to complete its first year. Yet in spite of all this, the paper has lived and thrived, so that from being regarded as a doubtful experiment, it has come to be looked upon as an established fact—a paper of which the Gaelic-speaking Highlanders may justly be proud—and one which, if properly encouraged, can be made a permanent and paying institution. Had the enterprise been begun with sufficient capital, the paper would have met with much more success than it has. The receipts during the first few years were barely enough to pay expenses, and the publisher, in order to provide for his own support, had to engage in other work, and so could give the paper but a portion of his time; consequently he was unable to push the paper to any great extent. During the last two or three years, when the income was considerably increased, the profits were all paid out in buying presses, type, and other printing material; the publisher thus practically giving his time to the work without receiving any compensation. In our opinion the time has arrived when material assistance should be given him in carrying on a work so patriotic. There are many wealthy and well-to-do Highlanders in Canada and elsewhere, who, by working “shoulder to shoulder,” can place the paper on a good financial footing, and enable the publisher to give it his whole time and attention. If that is done there is every prospect of the paper becoming a success, financially and otherwise. A special Act was passed at the late session of the Nova Scotia Legislature, incorporating a Company called “The Mac-Talla Printing and Publishing Company, Limited,” with a capital of $10,000.00, divided into 1,000 shares of ten dollars each. The business carried on by the publisher of MAC-TALLA, including plant, good will, etc., will be transferred to this Company for an amount to be agreed on by the directors and the publisher; any surplus over and above the encumbrance on the plant to be paid the publisher in paid up shares in the Company. There is at present in connection with the paper, one newspaper press which is new, and worth $800.00; one job press, an imposing stone and frame, news and job type in good condition, and other appliances which would make about $1,200.00 worth of plant. To properly equip the printing office for the purpose of publishing the paper and carrying on book and job printing, between $2,500.00 and $3,000.00 worth of additional plant would be required. This would equip a printing office second to none in the Island of Cape Breton, and would enable the Company to do an extensive, and in the near future, a profitable business. So much only of the capital stock will now be sold as is actually necessary to realize the amount required. The shares can either be paid in full when subscribed for, or in four equal instalments: the first of these instalments to be paid at the time of subscribing, and the other three at such times as the directors may find necessary. The Act of incorporation includes a provision to the effect that no shareholder will be liable in his personal property for any debts of the Company. Under the management of this Company there should be no great difficulty in having the circulation of the paper doubled or trebled within the next year or two. That would mean a largely increased income from subscriptions and advertising, without adding greatly to the outlay; and when in addition to that a good job printing office would be conducted, there is every reason to believe that the business could be made to pay handsomely. We are justified in that belief by the records of the past year or two, which show that the paper more than paid its way, even while labouring under the many disadvantages already mentioned. This appeal is made to patriotic Highlanders everywhere: men and women who are anxious to have the beautiful language of their forefathers preserved and cultivated, and who are ready and willing to engage in an enterprise which has that for its aim. They are not, however, asked to invest their money for the sake of sentiment alone. They are asked to become shareholders in a Company whose main object is the publishing of a Gaelic newspaper, which will be conducted on business principles, and which, it is confidently expected, will be a paying concern in the near future. It is expected that all to whom this circular is addressed will carefully consider the matter, and decide to purchase stock. Blank forms will be furnished on application to those wishing to subscribe; it would be well for these to respond as early as possible. All communications are to be addressed to J. G. MacKinnon, Publisher of MAC-TALLA, to whom also payments for stock are to be made. J. G. MACKINNON, ALEXANDER MATHESON, D. D. MCKENZIE, HUGH ROSS, NEIL FERGUSON, Provisional Directors. Iarr air na Marsantan EDDY’S “EAGLE” Parlor Matches 200s. “EAGLE” Parlor Matches 100s. “VICTORIA” Parlor Matches 65s. “LITTLE COMET” Parlor Matches AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL. GUN SRAD PRONNAISG. The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air-son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99.—6m. FAICEALL a mhuinntir òga, cha mhair na suilean boillsgeach, no na gruaidhean dearga sin agaibh fada ma bhios tinneas stamaig oirbh. Ma bha sibh gòrach ’s ma tha sibh a nise air ur cradh le cion-cnamhaidh, gairmibh g’ur cuideachadh an lighiche tapaidh sin, K. D. C. Cuiridh e ruaig air an nàmhaid, agus aisigidh e lathaichean briagha, sona dhuibh. Bu chòir K. D. C. a bhi anns gach tigh, oir leighsidh e gach seòrsa tinneas stamaig. Sampuill de K. D. C. ’s de na Pills a Nasguidh. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichean fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. [TD 336] [Vol. 7. No. 42. p. 8] Mairi am Parras. (To Mary in Heaven.) LE RAIBEART BURNS. O! thusa reul le d’ dhealradh ciùin Le’n rùn bhi fàilteachadh nan tràth, Tha thus’ a ris a’ luaidh as ùr, An sgeul a dh’ fhàg mi tùirseach cràit; O! Màiri, ’m faileas gràidh chaidh ’dhìth C’ àit’ a nis bheil t-ionad tàimh? Am faic thu ’n trath ’s d-fhear-gràidh gun chlith An cluinn thu osna chridhe sgàinnt’? Am fàg an uair ud m’ aigne ’chaoidh A chòmhlaich sinn ’s an doire chiùin! A mhealltuinn aon là ’n gaol nach till Aig taobh sruth binn nan ioma lùb; Aon ni cha sgar gu bràth o’m chridh’ Na sòlais fhior bha ’n là ud saor, O! t-iomhaigh gràidh le d’ làimh dhomh sinnt’ Cha dìch’nich mi gu crich mo shaogh’l. Le bhorbhan binn an sruth dol seach’, Sa ghorm-choill dhosrach cùbhr’ ar sgàil, Am beithe àrd’ san droighionn glas Ag iadh gu pailt mu’n t-sealladh ’àigh; Na flurain mhaoth a’ fàs gach taobh Am bàrr gach craoibh na h-eòin air ghleus, Gus—tuillidh ’s trath—na ciar neoil dh’aom ’San latha aobhach thriall air sgéith. Ach m’ aigne dùisgidh suas gach tràth Na seallaidh àghmhor fhuair air sùil, Is mar tha m’ aois a’ teachd gach là Is ann is làidir dhoibh mo rùn; Mo Mhàiri, ’m faileas gràidh chaidh ’dhith! C’ ait a nis bheil t-ionad taimh? Am faic thu ’n tràth ’s d-fhear-gràidh gun chlith An cluinn thu osna chridhe sgàinnt? —Eadar. le A. M. K. Fear a Bhata. Bha an t-oran briagha so anns a phaipeir roimhe, a’s t-earrach 1893. Tha sinn ’ga chur ann an dràsda air iarrtus aon de’r leughadairean. Chithear “Fear a Bhata” ann an iomadh riochd ann an leabhraichean-òran, ach ’si ar barail gu bheil e an so ann an cumadh na’s fhearr na chunnaic sinn e ann am fear sam bith dhiubh. LNINNEAG. Fhir a bhata no ho ro eile, Fhir a bhata no ho ro eile, Fhir a bhata no ho ro eile, Gu ma slan dhuit ’s gach ait an deid thu. ’S tric mi ’sealltainn o’n chnoc a’s airde Dh’ fheuch am faic mi fear a bhata; ’N dig thu’n diugh? no’n dig thu’m maireach? Mur dig thu idir gur truagh a tha mi. Tha mo chridhe-sa briste, bruite, ’S tric na deoir ’tigh’nn nan ruith o m’ shuilibh; An dig thu ’n nochd? am bi mo dhuil ruit? No ’n duin mi ’n dorus le osna thursich? ’S tric mi ’faighneachd de luchd nam bata, Am fac’ iad thu, no bheil thu sabhailt’; ’S bidh gach aon aca rium ag raitinn, Gu gorach mise ma thig mi gradh dhuit. Thug mi gaol dhuit ’s cha ’n fhaod mi aicheadh. Nach dug bo laoigh dha laogh air airidh; Nach dug piuthar ’bh’ ann riamh d’ a brathair, S nach dug og bhean d’a leanaibh talaidh. ’S iomadh long, agus barc, is bata Theid an null is a nail air saile, ’Bheireadh aiseag dhuit air an claraibh, Nam biodh do ghaol dhomh mar bha thu ’g raitinn. Tha mo chridh-sa briste, briste, Tha mo shuilean-sa silteach, silteach; Mar mhnaoi oig ann an diobhail misnich, ’S i ’n deidh a ceud ghaol a chur ’sa chiste. Ach nan digeadh tu chum na buaille Bheirinn bainne dhuit bhiodh gun truailleadh; Bheirinn sud dhuit is deoch de ’n uachdar, Is cha tairginn dhuit burn an fhuarain. ’S tric mo shuil air an eilean uaine Far an tric a bhios na h-uaislean; Uisge-beath’ aca ’s e gun truailleadh, ’S fear a bhata ga chur mu ’n cuairt orr’. Tha leasan ur agam air a bhliadhna s’, Nach do chleachd mi ’s nach do dh’ fhiach mi, Goirteas cinn agus cradh na fiacla ’Chuir as mo chuimhne na thachair riamh dhomh. Nuair a thigeadh tu chum a ghlinne Bu leat pairt de na bhiodh tu sireadh; Nighean og ann an tos a pisich, ’S gheibh thu sin ’nuair a gheibh thu mise. ’S iomadh feasgar fliuch is anmoch Rinn mi coinneamh riut ri seanachas; Ma tha thu ’n nochd ’s te eile falbh leat, ’S coma leamsa ged bhiodh i searbh dhuit. Bha mi uair ’s cha ’n fheil bhuaith’ ach raidhe, ’S gheibhinn pog bhuait le milte failte; Le d’ chul dualach air bac mo laimhe Bho laighe greime gu eirigh ’m maireach, ’S ille dhuinn na bi ga mo bhuaireadh, ’S fios aig cach gur a mor mo luaidh dhuit; Shil mo shuilean is dhubh mo ghruaidhean ’Caoidh an oig fhir nach dean mi ’bhuannachd. Shuibhlainn, shuibhlainn, shuibhlainn, fein teat, Shuibhlain fada troimh choill nan geug leat; ’Nuair bha mi og ’s mi air bheagan ceille Gur h-e do ghaol-sa a rinn mo leireadh. Fhir a bhata gur fada ’m muigh thu, ’S eagal leam gur h-e ’n fhairge ’shluig thu; Ma ’s e gaol do the eile ’thug thu ’S truagh dheth mise an deidh na ghuil mi. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. [TD 337] [Vol. 7. No. 43. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 26, 1899. NO. 43. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXV. AIR AIS ANNS A GHAIDHEALTACHD. An uair a ràinig mi dhachaidh, rinn a h-uile duine dhe na càirdean fodhail gu leor rium. Agus cha robh crìoch air na bha iad a’ deamamh de cheasnachadh orm. Bha dùil aig cuid dhiubh gu’m bu chòir dhomh eòlas a bhith agam air a h-uile duine de mhuinntir na dùthchadh a thachair a bhith fuireach ann an Grianaig ’s an Glasacho. An uair a thuig iad nach b’ aithne dhomh ach fior bheagan dhe na bha de Ghàidheil ann an Glasacho, is ann a thòisich cuid dhiubh ri ràdh, gu’n robh mi air mo lionadh cho làn le pròis ’s le meud-mhòir ’s nach b’ fhiach leam comunn a chumail ri mo luchd dùthchadh. Cha chreid mi gu’n robh pròis no meud-mhòr riamh annam. Ach thuig mi mun robh mi fad ann an Glasacho, nach b’e mo ghliocas comunn a chumail ris a h-uile fear leis am bu mhiann comunn a chumail rium. Nam bu ghnàth leam a bhith tathaich nan taighean òsda a h-uile feasgar Di-sathairne, agus a bhith ’cur earrann mhath dhe ’n fheasgar seachad a h-uile Di-domhnaich aig ceann na drochaide mòire, no ann an taigh cailleach a’ bhrot, cha b’ eagal nach fhaighinn companaich gu leòr. Ach cha ’n fhiosrach mise gu’n robh rath riamh air fear sam bith aig an robh e mar chleachdadh a bhith tric anns na h-àiteachan a dh’ ainmich mi. Am fear aig nach bi meas air fhein cha bhi meas aig càch air. O’n a bha toil agam mi fhein a dheanamh cho laidir ’s a ghabhadh deanamh, bha mi gu math tric a’ direadh bheann ’s a’ tearnadh ghleann, agus a’ falbh leis a’ gheolaidh timchioll nan sgeirean dubha ’s nan eileanan glasa comhladh ri Alasdair mac Uisdean feuch am faigheamaid cothrom air na ròin ’s air na biastan dubha. Cha robh mise suas ri sealgaireachd idir. Ach cha robh ach gann fear eile ’san duthaich a bheireadh barr-urram air Alasdair mar shealgair. Bha mosgaid mhor throm aige a ghabhadh dlùth air lan mo bhoise a dh’ fhùdar, agus ma’s fhior e fhein, mharbhadh e ròn leatha ann an ceud gu leith slat a dh’ astar. Mharbh sinn iomadh ròn is biast dhubh mu’n d’ thainig an t-samhuinn. Chuir mi seachad a’ cheud dhà mhios de ’n gheamhradh le iomadh seòrsa fearas-chuideachd agus toil-inntinn anns nach robh cron sam bith. Bha mo chàirdean air taobh m’ athar ’s mo mhathar gu math lionar air feadh na dùthchadh, agus bha iad uile toileach caoimhneas a nochdadh dhomh. B’ fheudar dhomh earrann mhath dhe ’n ùine a chur seachad anns na taighean aca. Anns am àm ud b’ e ’n cur seachad ùine a bhiodh aig daoine mar bu trice, a bhith ’g aithris na bha air chuimhne aca dhe na h-euchdan a bha na daoine o’n d’ thainig iad a’ deanamh. Bu ghlé thoigh leotha a bhith ’g eisdeachd ris gach aon do’m b’ aithne eachdraidh agus bàrdachd na Feinne. Bha iomadh fear beò aig an àm a bheireadh seachad duan an deigh duain de bhàrdachd na Feinne; agus ged a chluinneadh daoine na duain so uair ’s an t-seachdain, cha’n fhàsadh iad sgith a bhith ’g an éisdeachd. Bha iomadh fear ann a ghabhadh sgeulachd anabarrach math. Chuireadh iad gach smaointean a chinneadh ’nan cinn ann an cainnt cho glan ’s cho cothromach ’s cho geurchuiseach ’s a b’ urrainn a bhith. B’ e so an t-aobhar sonraichte gu’n robh e furasda dhomhsa, agus a dh’ iomadh fear eile, earrann mhath dhe na sgeulachdan a chumail air chuimhne. Tha fhios agam gu’m bheil iomadh neach a’ creidsinn nach ’eil feum sam bith ann an sgeulachd. Ach their mise—agus cha’n ’eil nàire orm a radh—gu’n d’ fhuair mi mòran math o na chuala mi de sgeulachdan. Agus nam b’ e an diugh an dé, bha mi air eisdeachd a thoirt dhaibh, agus an cumail air chuimhne moran na b’ fhearr na rinn mi. Aig an àm ud cha robh [mi?] tuigsinn gu’n robh iad cho mor feum[?] do dhaoine ’s a bha iad. B’ e na bha iad a’ toirt dhomh de thoil-inntinn aig an àm am feum bu mhò a bha mi ’faicinn annta; ach o’n uair ud thug mi an aire gu’n robh iad làn teagaisg agus gliocais. A nis, ged nach ’eil a h-aon dhe na sgeulachdan a chuala mi an uair a bha mi og, air chuimhne agam an diugh, tha na nithean a bha iad a’ teagasg air chuimhne agam. Agus a chum gu ’n tuig a h-uile duine anns am bheil tuigse gu’m bheil mi ’g innseadh na firinn, their mi beagan mu aon no dha dhe na sgeulachdan a chuala mi; agus innsidh mi an doigh anns an d’ rinn iad feum dhomh. Cha robh sgeulachd air a h-aithris bu mhò a bha ’toirt do thoileachadh do dhaoin’ òga na’n sgeulachd ris an cainte, “A’ mhionaid fhortanach.” Bha i cho fada ’s nach b’ uilear a dh’ fhear ceithir uairean an uaireadair gus a gabhail gu leir. B’ ann mu thimchioll mar a thachair do nighean righ a bha i. Ghoideadh a nighean o’n righ, agus chuir e fios air feadh na rioghachd gu leir feuch am faighteadh forofhais oirre beò no marbh. Am fear a gheibheadh beò i, agus a bheireadh a dh’ ionnsuidh a h-athar i, gheibheadh e ri pòsadh i, agus leith na rioghachd mar thochradh. Bha ’n tairgse so gu math, agus chaidh iomadh fleasgach uasal, og, tapaidh air toir nighean an righ. Agus ged a fhuair iomadh fear dhiubh am mach far an robh i, agus ged a dh’ innis i dhaibh an t-àm agus an doigh anns an rachadh aca air a toirt air ais a dh’ ionnsuidh a h-athar, cha do rinn iad mar a dh’ iarr i orra. Air an aobhar sin, chaill iad an dragh ’s an saothair agus am beatha a chionn nach do lean iad gu dlùth ris a’ chomhairle a thug nighean an righ orra. Ann am briathran aithghearr bheir mi seachad fìor bhrìgh na sgeulachd:—Ghoid fathach mor air falbh nighean an righ. Chaidh iomadh fear aig an robh toil meas is cliù is urram a chosnadh dha fhein air a toir. Agus an uair a fhuair iad am mach far an robh i, dh’ innis i dhaibh nach robh de [Dealbh] BAN-RIGH VICTORIA. Bha ar Ban-righ chòir ceithir fichead bliadhna dh’ aois Di-ciaduin, agus cuiridh na ’s lugha na mios crioch air an darna bliadhna ’san tri fichead de rioghachadh. Rugadh i anns a bhliadhna 1819, agus thainig i thun na righ-chathrach anns a bhliadhna 1837. Da bhliadhna ’n t-samhraidh so bha ’n Iubili Dhaoimein air a cumail—ni nach do thachair a leithid riamh roimhe ann an eachdraidh Bhreatuinn. Tha Victoria ’na riaghladh cho glic, agus na caithe-beatha cho irisiol, càirdeil, ’s gu ’n do choisinn i gràdh an t-sluaigh mar nach do choisinn urra-rioghail sam bith eile. Tha i nise air fàs lapach, ’s an aois a’ laidhe gu trom oirre, agus cha dual dhi a bhi air an righ chathair moran bhliadhnaichean tuilleadh. Ach mar a thuirt ar caraid urramach “C. C” anns an eachdraidh ghoirid a sgriobh e aig àm na h-Iubili:—“An uair a thuiteas an crùn talmhaidh bhar a cinn, ’se ar n-earbsa agus ar guidhe gu ’m bi an Ti a thog suas i gu bhi riaghladh, le maitheas agus le gliocas anns a ghinealach so, a’ buileachadh oirre ‘crùn glòire nach searg as.’” [TD 338] [Vol. 7. No. 43. p. 2] chumhachd aig daoine an t-saoghail na chuireadh am fathach gu bàs mur rachadh iad na dhàil air “A’ mhionaid fhortanaich,” sin ri ràdh, a’ mhionaid roimh mheadhain oidhche. Air aon dòigh no doigh eile, bha h-uile fear riamh a’ deanamh dearmaid air a dhol an dàil an fhathaich air “A’ mhionaid fhortanaich,” agus an aite dhaibhsan am fathach a chur gu bàs, is ann a chaill iad am beatha air a shaillibh. Ach mu dheireadh thall, bha aon oganach tapaidh ann a chuir roimhe gu’n deanadh e gach ni a dh’ iarr nighean an rìgh air a dheanamh, agus an uair a thainig a’ mhionaid fhortanach chaidh aige air am fathach a chur gu bas, agus nighean an righ a thoirt air ais thun a h-athar. Fhuair e nighean an righ agus leith na rioghachd, a chionn gu’n deachaidh e gu cùramach, pongail ann an ceann a ghnothaich a ghabh e os laimh. Tha mionaid fhortanach ann am beatha gach duine; ach tha mòran ann a tha cho leasg, cho mi-chùramach, agus cho glic nam barail fhein ’s nach gabh iad comhairle na còrach o dhuine sam bith. Cha ’n ’eil dòigh air an t-saoghal a’s fhearr air son fortan a dheanamh na gach obair a ghabhas daoine os laimh a dheanamh na h-àm fhein. Tha àm ann air son gach obair fo ’n ghrein. Feumar am maorach a dheanamh an uair a bhios an traigh ann. Is e an t-earrach àm na curachd, mar is e am foghar àm na buana. Is e àm na h-òige an t-àm anns am feumar gach seòrsa foghlum agus ceaird ionnsachadh. An seirbhiseach nach ’eil aig an obair gu pongail air an uair cheart, caillidh e an toiseach deadh rùn a mhaighstir, agus na dheigh sin, cuirear air falbh e mar dhroch sheirbhiseach. Tha mi-fhortan aig iomadh neach aig am faodadh fortan a bhith, nan d’ rinn iad a h-obair fhein air “A’ mhionaid fhortanaich.” Ach cha chreid iad gu’m bheil coire sam bith aca fhein ris a’ mhi-fhortan a thainig nan rathad. “Is fhad a bhios fear o’n taigh mu’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein.” Their mi beagan mu thimchioll sgeulachd eile a chuala mi, agus a thug fiosrachadh agus teagasg dhomh: Bha mac righ ann aon uair a chuireadh fo gheasaibh. A reir mar a chualas, b’ i a mhuime a chuir fo gheasaibh e. Bha e air a chur ann an riochd creutair nach robh aona chuid coltach ri duine no ri ainmhidh. Agus b’e an aon dòigh air an gabhadh na geasan togail dheth, nan deanadh boirionnach òg tri leintean de chanach an t-sleibhe dha. Mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, chuir iomadh te roimpe gu’n tugadh i oidhirp air na geasan a thogail bhar mac an righ, do bhrigh gu ’n robh te sam bith a dheanadh na leintean gus mac an righ fhaighinn ri ’phòsadh. Ged a thug iomadh te ionnsuidh air na leintean a dheanamh, cha do chuir a h-aon crioch orra ach an aon te. Dh’ fhàs an àireamh bu mhò dhiubh sgith dhe’n obair mu’n robh iad leitheach dhi. Ach fhuair an te a chuir crioch air na leintean, mac an righ ri ’phosadh, agus bu mhath an airidh air i. Nochd i gu soilleir gu’n robh i na boirionnach dichiollach, dùrachdach, foighidneach. Is e teagasg na sgeulachd so, gu ’m faod na boirionnaich, ma chuireas iad rompa e, na fir a dheanamh mòran na ’s fhearr na tha iad. Is ann le foighidinn, le fad-fhulangas, le comhradh taitneach, le freagairtean ciuine, modhail, le durachd ’s le mor-dhichioll a theid aig na mnathan aig am bheil droch fhir, air na fir a dheanamh na ’s fhearr na tha iad. Tha cumhachd anabarrach mor a chum math a dheanamh ann an lamhan nam boirionnach, nan togradh iad an cumhachd sin a chur an gniomh. Tha cuid dhiubh a’ cur na cumhachd an gniomh, agus cuid nach ’eil. Ach cha’n ’eil te sam bith nach fhaodadh barrachd mor a dheanamh na tha i ’deanamh. Tha fhios againn gu’m bheil àireamh mhòr a dh’ fhir an t-saoghail ’g an cur fhein ann an suidheachadh a’s isle na na h-ainmhidhean leis na tha iad ag òl dhe’n deoch làidir. Tha daoine aig am bheil toil measarrachd fhaicinn am measg an t-sluaigh a’ deanamh na’s urrainn daibh a chum toirt air na misgearan sgur dhe’n òl buileach glan, ar neo gabhail le fior bheagan dheth an uair a thachras dhaibh a bhith ann am feum air. Ach nan gabhadh nigheanan òga na duthchadh an obair os laimh, rachadh aca, gun dragh mòr sam bith a chur orra fhein, air moran a dh’ fhir òga na dùthchadh a chumail o’n deoch làidir. Tha, bha, agus bithidh gaol aig na gillean òga air na nigheanan òga; agus nan cuireadh gach nighean òg, mheasail, a cùl gu buileach ris a h-uile gille dhe’m fairicheadh i faileadh an uisge bheatha, theid mi an urras gur iomadh fear air feadh an t-saoghail a dhealaicheadh ris an òl a roghainn air dealachadh ri ’leannan. Aon uair ’s gun gabh gille tlachd mor de nighinn, bidh e deonach rud sam bith a dheanamh gus a toileachadh. Nam bithinnsa ’nam nighinn òig, tha mi ’smaointean gu’m bu ghlice dhomh gille òg sam bith a sheachnadh, nam biodh barrachd tlachd aige dhe ’n stòp na bhiodh aige dhiom fhein. So mar a thuirt amadan truagh uaireigin o chionn fada:— “’Se ’n stòp a rinn mo bhristeadh, ’Se ’n t-òl a dh’ fhàg gun mheas mi; Mo thruaighe ’n te gheibh mise, ’S i ’mhisg ’s an d’ chuir mi ùigh,” An te a tha cho mi-fhortanach ’s gu’n do thachair dhi misgear a phòsadh, is ann le foighidin, le caoimhneas, le gradh, le dìchioll a chleachdadh re ùine fhada, a theid aice air fear a taighe a thoirt o chumhachd na misge. Bha e air aithris ann an sgeulachd, gu’n robh te dhe na ghabh os laimh mac an righ a thoirt o na geasaibh, a’ feuchainn ri thoirt gu rathad le bhith gabhail dha le slacan. Ach mur bu mhisde e na buillean a bha i ’toirt dha, cha b’ fheairrd e dad iad. Tha mnathan ann a tha ’smaointean gu ’n dean iad na droch fhir a tha pòsda riutha na’s fhearr na tha iad le bhith ’gan sior chaineadh. Ach cha d’ rinn càineadh feum do dhuine riamh. Tha e iomchuidh gu leòr dhuinn daoine ’chronachadh gu siobhalta, agus comhairle na còrach a thoirt orra; ach ma leanas sinn eisimpleir Mhic Dhe cha chàin sinn neach gu bràth. Tha amhrus làidir agam gu’m bheil fear is fear a’ tathaich an taigh-leanna, a chionn gun fhearr leis a bhith ann na bhith ’ga bhodhradh le trod ’s le caineadh ’s le cànran na mna. An uair a bhios a’ choinneal a’ gabhail anns gach ceann, cha’n fhad a mhaireas i. An uair a bhios fear an taighe ’s an taigh-leanna a’ sgrios a chuirp agus ’anama, agus a’ cur a’ bheagan airgid a th’ aige ann am pòcaidean dhaoine eile, agus a bhios a bhean gu greannach, crosda ’g obair air feadh an taighe, agus i deanamh barrachd cron a staigh na tha esan a’ deanamh am muigh, cha ’n ann air fortan a tha’n aghaidh. (Ri leantuinn.) A’ CHLACH BRATH. Ann an iomadh gleann ’s a Ghaidhealtachd is minig a thig am fear-turuis air làraichean thighean, ag innseadh gu robh uaireigin de’n t-saoghal còmhnuidh a sin; gun cluinnte ann briagail mhilis cloinne; nuallan cruidh; geumnaich laogh, is mèilich chaorach; gu’m biodh r’a eisdeachd, maduinn is feasgar, ceol fonnmhor nighean na h-àiridh; is b’e sin an ceol ceanalta, mar thuirt Mac Mhaighstir Alasdair:— ’S e bheireadh danns air gach cridhe Ceol nighinn na h-àiridh, ’S ciatach nuallan na gruagaich A’ bleothann cruidh ghuaillinn; A toirt torroman air cuachaig ’S bodhar-fhuaim aig a claraibh. An diugh cha ’n ’eil r’a fhaicinn ach làraichean, is gabhaidh e geur bheachd agus sùil eòlach gu suidheachadh na h-aitreibh a dheanamh a mach. Gheibhte am bitheantas suidheachadh an tigh-còmhnuidh, an sabhal, le dorus air gach taobh dheth m’a choinneamh a cheile; làrach a gharadh-chàil, is mar sin. Ach a thuilleadh air so, air cùl an tighe, no ann an aite freagarrach dlùth air, gheibhear làraichean cruinn ann an cumadh, air an togail le clach ann an taobh cnuic; ma dh’ iarras neach gu mion ni e mach an t-ùrlar air a dheanamh de chlachan mora còmhnard; agus ma tha ’m balla gun a bhi air an làr gu buileach, ma dh’fhaodte gu’n dean neach a mach c’àit an robh an t-aite teine, oir ’se làrach de ’n t-seorsa so na tha ’g innseadh dhuinn gu robh àth an taice na h-aitreabh air son tiormachadh agus cruadhachadh sìl. Bha ’n togail so mar chaidh a ràdh, cruinn mu choig na se troidhean air doimhne; agus mu dheich na dha dheug ’sa choislinn; bha lobhta mu shè troidhean os cionn an ùrlair, suimearain làidir le ’n cinn ’s a bhalla air gach taobh; air na suimearain bha cabair dhireach nan luidhe agus air na cabair sin bha cònnlach oirte, air a leagail gu rèith, agus bha ’n siol air a thaomadh air uachdar na connlaich. B’e an t-ainm a thug iad air a chonnlaich, “sreathann;” mar tha ’n sean fhacal “cho tioram ris an t-sreathainn.” Bha àite teine air an làr air an taobh a b’isle de’n togail, agus dorus air an taobh a b’airde, a fosgladh o’n nochd; bha luidhear agus uileann air ag éiridh o’n teine, agus chum ’s nach faigheadh sradan o’n teine a dh’ionnsuidh an t-sreathainn bha clach leathann air a suidheachadh os cionn an teine, a ghlacadh na sradan. Ris a chloich so theireadh iad “bac nan srad,” no “clach nan srad.” Bha mullach biorach air an ath, air a thubhadh le raineach no cònnlach; agus toll anns an fhior bhidean, gu an toit a leigeadh air fabh. ’N uair a bhiodh an teine air a lasadh, bha a theas a direadh agus a cruadhachadh an t-sìl. Is bitheanta a thachradh gu’n gabhadh an t-sreathann teine, is dh’ fheumadh an sìol a ghrad-thogail dheth, agus an teine chur as, no mar a theireadh iad, “an àth a bhathadh.” Is cuimhnichear an sean fhacal a dh’ éirich o’n chleachdadh so, “Ma’s i t-àths i, bàth i, bathaidh mis’ i, ma ’s i m’ àths’ i.” Thachair uair is uair, gu’n gabhadh àth teine gu h-iomlan; agus tha sgeul no dha air beatha dhaoine a chall trid a bhi toirt oidhirp air àth a bhathadh, le tuiteam ’s an teine. Gu bitheanta, ’n uair a rachadh an siol a chur air an àth, thigeadh mar a thereadh na seann daoine, “fallus fuair air an t-siol;” air dha so tachairt, bha’n teine air a mhùchadh, gus am falbh an toth. Mur biodh so air a dheanamh, cha bhiodh na bonnaich blasda, bhiodh iad ruidhinn; o so thainig an sean fhacal, “Siol goirt an fhiacail gheur.” Dh’ innis brathair mo sheana-mhathar dhomh—fear a chaochail fichead bliadhn’ air ais, aig aois ceithir fichead ’s a h-ochd deug, agus a chleachd obair na bràth r’i a latha, nam biodh an siol air an àth ’s a mhaduinn, gu’m biodh e deas gu a toirt bhar na h-àth mu mheadhon-là. Bha àth anns gach baile-fearainn; agus am bitheantas bha muinntir a’ bhaile ann an cómaidh m’a deibhinn; gach aon a toirt mòine, fiodh na fraoch gu a chuid siol fhein a chruadhachadh. Agus bha e mar fhiachadh air gach h-aon còmhnadh a thoirt gu an àth ’chumail a suas. Air do’n t-sìol a bhi gre s air an àth, bha e air a thionndadh gu cùramach leis na làmhan, agus bha so air a dheanamh an drasd ’s a rithis gus am biodh e gu h-iomlan air a chruadhachadh. Bha ’n siol a sin air a chruinneachadh gu aon oisinn de’n àth, air an taobh stigh de’n dorus, “an leabadh thioram,” mar a theireadh daoine rithe, gus am fuaraicheadh e. Dh’ fheumadh e na dhéigh sin a chriadhradh, a ghlanadh as gach srabh a d’ fhaodadh a bhi ’na mheasg. Bha [TD 339] [Vol. 7. No. 43. p. 3] siol deas a nis air son a bhleath. Tha na h-uile neach eòlach air clach-bhràth fhaicinn; tha iad bitheanta air an toirt an uachdar leis a’ chrann àraidh; tha iad r’am faotuinn anns a’ mhonadh far nach eil nis ach làraichean, ach far an robh uair eiginn comhnuidh. Tha clachan bràth r’am faicinn air am beartachadh leis an dealg air feadh na tìre. Bheireadh daoine ’n gràn no ’n siol, as an àth ann am balg na poca air a dheanamh de chraicionn no poca de chanabhais ris an abradh iad “cirb.” B’e ’n t-ainm a theirte ris an t-siol an deigh a chruadhachadh “gràdan.” Gu minic, ’n uair a bhiodh ùine air, rachadh an siol a chnotadh, mar theireadh iad. Bha tolg chruinn air a snaitheadh ann am mullach cloiche; agus màm d’ an ghradan air a thaomadh anns an tolg; bha sin air a cnapadh agus air a bhrudhadh le farachan, de fhiodh cruaidh mar tha darach no uinnsionn; b’e a b’ ainn do ’n chloich “a phollag chnotaidh.” Bha iad sin gu math trom, chum ’s gun suidheadh iad gun charachadh air an làr ri am cnotaidh. Bha ’n sìol a nis deas air son a bhleth. Bha ’chlach bhràth air a suidheachadh air “cainbe” mar theireadh, breid mor ceithir oisinneach; shuidheadh dà bhean, te air gach taobh de’n bhràth; ghlacadh te an dealg, chuireadh i leth char de ’n chloich uachdair, a sin ghlacadh an te eile ’n dealg agus chuireadh ise a leth char fhein de’n chloich; agus mar sin te m’a seach gus an robh a bhleth thairis; bha te m’a seach a cur màm de’n ghradan anns an toll roimh ’n chloich uachdair. Na’m biodh min mhìn a dhith oirra chuireadh iad i dà uair troimh ’n bhràth. Cha ’n eil teagamh nach tuiteadh moran an da chuid de ’n mhin ’s de’n t-siol air a chainbe ’bha fuidh ’n bhràth, agus bho ’n nach robh balg cho mor ris a chainbe, tha e furasd a thuigsinn gum robh seadh soilleir anns an t-sean fhacal, “Is fhearr cradhadh na cainbe no cradhadh na cirbe.” Mar bu ghnath ann an obair-comaidh, bha daonnan m’an cuairt a bhràth an “car deiseal,” a reir cuairt na gréine; mar tha’n cronan brathann ag radh— Cuir an car deiseal, Am feasda, de’n bhràth, Ma ’s math leat min bhàn ’Bhi torrach dhuit. Is e obair mhnathan a bha ’s a bhleth; direach mar a chi thu ’s an Eilein Sgaithanach agus ’s an Eilean Fhada agus air an Iar thuath de’n Ghaidhealtachd, mnathan a tarruing mòine, ’s na feamainn ann an cliabh, gus an là ’n diugh. Is mar tha tàir air bean leigeadh leis an duine aice an cliabh a ghiulan, bha e tàireil do bhean, ’s an àm a d’ fhalbh an duine aice ’leigeil ris a bhràth. Cha’n e mhain gu robh mnathan ri obair na bràth ’s a Ghaidhealtachd ach ann an duthchannan eile mar an ceudna; cuimhnicheadh sinn air briathran an Tiomnaidh Nuaidh. “Bithidh dithis bhan a bleth ’s a mhuileann; gabhar te dhuibh agus fagar te.” Ann an seana bhardachd na Grèige agus na Ròimh tha iomradh gu bitheanta air an obair cheudna air a dheanadh le mnathan; agus tha bard Greugach d’ am b’ ainm Antipater, a bha beo beagan an deigh la ar Slànuighear a labhairt mar so, air dha muilleann fhaicinn air son bleth mine, le roth a chuireadh uisge ma’n cuairt, “A bhean, thusa air an robh gus an là so an dleasnas min a bhleth, thoir fois do d’ ghàirdeannan a so suas; cha ghairm ceol loin na maidne aig briseadh na fàire gu a mhin laitheil a bhleth; tha a bhan dia Ceres, a bheir air siol is coirce fas, a cur an dleasnais so a nis, air oighean an uisge. Cuiridh iadsan an car de’n chloich thruim, agus coimhlionaidh iadsan bhur ’n obairsa.” Feumaidh sinn a chuimhneachadh gu’n b’ abhaist do dhaoine na clachan bràth a chur gu feum, an deigh do mhuilean-uisge fas cumanta ’san duthaich a bhleitheadh am min dhoibh, le bhi pronnadh braiche air son uisge-beatha ’dheanamh. ’S faodaidh e bhith gu bheil clachan-bràth air an cur gu feum ’s an doigh so fhathasd, mur do sguir daoine ann an garbh chriochan na duthcha, a bhi a deanamh deoch-laidir gun fhios do’n ghaidseir. Tha daoine fhathasd (1898) beo a dh’ innseas gu fac iad min g’a bleth leis a bhrath; ma dh’ fhaodte gu ’n do sguir i an cumantas ’s a Ghaidhealtachd mu cheithir fichead bliadhna air ais. Tha e coltach gu robh bhrath ri feum a bleth mine ann an Eileanan Arcamh agus an t-Sealtuinn o chionn da fhichead bhliadhna. Tha e coltach gu robh sluagh murrach air an t-sìol a chruaadhchadh as ionnais na h-ath nam b’eudar. Bheireadh bean an tighe steach sguab arbhair; agus chuireadh i teine ris air cloich-an-teallaich; bha maide no slachdan ’n a laimh air eagal ’s gu loisgeadh e’n siol, leis am bualadh i as an lasair nam biodh i ro dhian; ann am beagan uine bha ’n siol air a dheadh chruachadh, air fhaigail air an lic; agus air dhith a chriathradh, agus a bhleth bha min ùr aice air son an lite ann am beagan uine. Tha iomadh innleachd cumanta ’n diugh ’san tir ach cha’n ’eil aon innleachd ann leis am faigheadh neach min ann an ùine cho goirid agus a gheibheadh bean sam bith ’san dùthaich i, anns “na laithean a dh’ aom.” Chunnaic mi uair no dha, clachan bràth air an cur gu feum a deanamh, cabhsair no togail balla; mar a ni mi fhein, tha mi’n dòchas gu’n dean gach Gaidheal—togamaid as a cabhsair iad, no spionnamaid as a bhalla iad, oir cha’n eil ach “sithraiche gorm” annsan a leigeas dimeas air bith air calluidean is cleachdainnean an sinnsir. Mar a bhiodh fiughair, tha iomadh sean fhacal a dh’ eirich bho obair na bràth. Co nach cuala, “Is fheairrde bràth a breacadh, ach cha mhath dhith ’briseadh;” ’s ann gun eisimeil a bha esan a thuirt, “Air son mo chuid-sa de ’n ghràn, faodaidh an àth dol na teine;” tuigidh sean aois, “Cha ’n e a bhràth nach meileadh ach an gairdean a bha lag;” agus bho ’n a thuiteadh moran gran troimh ’n t-sreathann a rachadh do ’n teine, tuigidh sinn uile, “Cha ’n e ’m beagan an gran-làgain, na ’n gabhadh e togail.” Ann an comaidh ri, “Cha ’n e gogadh nan ceann a ni ’n t-iomram,” theid “Cha ’n e cruadhachadh na h-àth sealtuinn fuidhpe.” Co nach cuala, “Dean ath no muileann dheth;” mar a their muinntir Thiridhe, “Dean Eige no Arasaig dheth.” Tha sar-fhacal cuideiginn ag innseadh,— “Deireadh gach luing, a bathadh; Deireadh gach àth, a losgadh; Deireadh flaith, a chàineadh; Deireadh slainte, osna.” Riusan a tha mi-reusanta, faodaidh sinn a radh, “Feadaireachd mu ’n bhuail fhàs, is gàradh mu ’n chnàmhaig”—direach, “A trusadh nan sop ’sa tilgeadh air falbh nam boitean.” Is ann ri giullain gionach a chaidh ’radh, “Ged ’bhiodh do phoca làn, bu mhiann leat màm air a mhuin,” agus “Gille firein is e fàs, ithidh e mar bhleitheas bràth.” Is e obair dhiomhain a bha aig Domhnull Bàn Achadh-na-mòine air an fheasgar a thuirt e r’a mhnaoi, “Gun aon tàmh air bial na brathann, ’s gun aon ghrainn air chionn an là.” Is ann misneachail a bha ’n sealgair a thuirt, “Iasg no sithionn, ath no muilleann.” Co e ’n diol deirce nach do thuig, “Is fhearr cradhadh na cainbe, no crathadh na cirbe”—bhiodh moran tuill’ aige san a gheabhadh na thuiteadh fo ’n bhleth, na aige san a gheabhadh am poca ’s an robh ’n siol. Tha e air a radh gu’r ann ri Tighearna Rathasaidh, Mac ’Ille Chaluim, a thubhairt a mhuime is i fochaid, air dha dol a shealg le lan-ghreidh d’a ghillean, agus chon, is aon ròn a thoirt dhachaidh mu oidhche, “Is mòr a rinn thu de dheireadh, air cho beag de bhrod.” B’e obair mhnathan mar ’chaidh radh a bhrath a ghiullach, agus min a chumail ris an tigh; feumaidh e ’bhith gu ’n d’ thainig e gu aon thar choig airsan a thubhairt an toiseach, “Mi fhein ’s mo bhean air a bhrathann,” no faodaidh e bhith gu’r e duine leirseannach, ceannsgalta ’bh ’ann; chunnaic e gu’m b’ iomchaidh dha a bhean a chuideachadh. Gu ’m bu lionmhor a shliochd! tha e nàr, tàmailteach do dhuine ’sam bith, aig am bheil comas, an cliath mòine no ’n cliath feamainn a thoirt d’a mhnaoi r’ an giulan; ach cha ghabh e aicheadh nach fhaichte iad gus an la’n diugh. Cuimhneachadhmaid daonnan, “Gur mine min na gràn, gu’r mine mnài na fir,” ’is eadar thusa ’s mise cha’n’eil teagamh ’sam bith ’s a chùis.—D. M. C. ’sa Highland News. Tha F. Falconer & Son an deigh àireamh mhor de charbadan ùra fhaotainn o chionn seachdain. B’e ’n gliocas do neach sam bith air am bheil carbad a dhith am faicinn. RUAIG CHABOOL. Air maduinn an t-séathamh là de’n bhliadhna 1842, bha sinn deas gu Cabool fhàgail, agus an rathad gu Jellelabad a ghabhail. Bha’m feachd gu moch fo’n airm, agus bha’n àirneis no gach nì a bhuineadh do’n arm, air muin nan damh ’s nan each a bha chum an giùlan. Bha againn còig ceud a’s tri mìle de shaighdearan-cogaidh, agus ceithir-mile-deug de luchd leanmhuinn—Innseanaich a bha nan gillean ’s nan seirbhisich, ’s nan luchd-frithealaidh do chàch. Bha ’mhaduinn soillear, reòta, anabarrach fuar, agus an sneachd mar throidh air doimhneachd. Bha aobhar againn a smuaineachadh gum feuchadh muinntir na dùthcha grabadh a chur oirnn, ach cha robh os cionn ochd-fichead dhiubh ri fhaicinn, ’s cha do charaich iadsan. Ghluais sinn mu naoidh uairean sa’ mhaduinn. Bha’n rathad co aimhleathan, dhoirbh, ’s gu’n do ghabh e dà uair gu leth dhuinn a’ cheud mhìle a choiseachd. Bha drochaidean againn ri dheanamh thairis air gach allt a’s abhuinn, a’s ghabh so ùine mhòr; ach bha sinn uile toileach an t-àite truagh ’san robh sinn fhàgail, far nach robh connadh ri fhaotuinn gu teine a dheanamh—gach craobh a cheana air a gearradh, a’s air an losgadh. Chaidh sinn séa mìle air ar n-aghart a’ cheud là. Thainig an oidhche oirnn gun ar n-àirneis, ar buithean, no ar plaideachan, ar ruigheachd. Bha’n oidhche anabarrach fuar—reothadh cruaidh agus sneachda trom air an làr—agus gun ghreim béidh do dhuine no do dh’ainmhidh. Mheilich mòran de dhaoine foghainteach leis an fhuachd feadh na h-oidhche, a bha nan cuirp mharbh gun deò ’nuair a dh’éirich a ghrian. Rug a’ chuid eile de ’n arm oirnn an so’ air an t-seachdamh là de’n mhios—iadsan a dh’fhàg Cabool ’nar déigh. Cha luaithe a dh’fhag iad so am baile, na ’loisgeadh gach nì a bhuineadh do’n arm againne, nach b’ urrainn iad a thoirt leo, leis na h-Affghans. Bha còmhrag eadar cuid de ar n-arm agus muinntir na tìre, anns an do chaill sinn leth-cheud saighdear, agus dà no trì oifigich. B’ eigin duinn dealachadh ri’r gunnaichean-mòra, agus mòran de nithe prìseil nach robh e comasach dhuinn a ghiùlan. Bha mnathan truagh, a’s pàisdean, agus na ceudan de na h-Innseanaich bhochda, ’tuiteam gu luath fo fhuachd a’s fo acras, agus ann an cuid de dh’ àitean co tiugh, ’s gam b’éigin coiseachd thairis air an cuirp. Air an dara oidhche, cha robh sinn ni b’fheàrr dheth na ’cheud oidhche. Cha robh comas air, ach luidhe sìos anns an t-sneachda ’measg a chéile, mar a b’fheàrr a b’urrainn duinn—gun fhasgadh, gun chòmhdachadh. Cha robh suim a nis do na h-oifigich—’se’m fear bu làidire a choisinn urram. A réir gach cunntais, bha esan a chuireadh thairis air an arm neo- (Air a leantuinn air taobh 342.) [TD 340] [Vol. 7. No. 43. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., MAIGH 26, 1899. AN T-EARRACH. Is e an t-Earrach a tha ’nis ann. Tha gach fonn ’us faiche, gach glaic ’us aonach, gach slios ’us comhnard, gach sruth ’us amhainn togarrach suilbhir agus ait, do bhrigh gu bheil an geamhradh seachad, agus gu bheil snuadh ùrail, milis, greadhnach air aghaidh nàduir gu h-iomlan. Is maith a labhair an t-Ollamh Mac Leoid: “Cha luaithe ’thilleas an t-Earrach le sileadh nan speur agus le blaths na gréine na dhi-chuimhnicheas daoine fuachd agus gailionn a’ gheamhraidh. ’S e ’n t-Earrach ath-nuadhachadh an t-saoghail so. Ge b’e air bith cho muladach ’s a bha an geamhradh, bheir an t-Earrach sòlas ’n a chois. Tha gach duil gu muirneach air an caradh, mar gu b’ ann ann an saoghal nuadh. Ni Earrach tolgach fogharadh neo-tharbhach. Cia glormhor cumhachd an Ti sin, a tha bho bhliadhna gu bliadhna, ’us o linn gu linn a’ tabhairt an atharrachaidh so mu ’n cuairt. Tha ’n saoghal mar gu b’ ann air ath-nuadhachadh. Tha na machraichean a ris a’ teachd beò; tha ’m feur a’ fàs; tha na blathan ùra ’togail an cinn. Tha ’n sneachd a’ leaghadh o bhearradh nam beann. Tha ’n snodhach a’ direadh troimh chuislibh nan craobh. Tha ’n uiseag a direadh ri airde nan speur. Togaidh na h-eoin bheaga cheolmhor an ceileir le ’cheile; agus cluinnear ceòl an Earraich bho thaobh gu taobh.” Tha sinn uile ann an Canada gle aoibhinn an uair a theid an geamhradh seachad agus a philleas guirmead nan achaidhean, ceileir tùchanach nan sruth ’s nan amhnaichean, ’us grinneis ’us boidhichead do gach magh ’us raon. Is e geamhradh mi-fhallain, caochlaideach ’us mi-chiatach a bha anns a’ gheamhradh ann an Canada ’tha seachad. Is mor am maith a tha sneachd’ a’ deanamh am feadh a tha ’n t-aileadh geur, brioghmhor, laidir, agus a tha gach neach fonnmhor, easgaidh, lasgarra; ’s a tha comas am measg nan coilltean air gach fiodh ’us craobh mhor ’us bheag a thabhairt ’na bloidhean gu gach muileann ’us aite a bhitheas goireasach no freagarrach. Is e geamhradh anabarrach mi-thaitneach a chaidh seachad. Bha agus tha moran daoine tinn. Tha moran euslainteach; agus gun amharus bithidh cuimhne air a ghleidheadh air a’ gheamhradh ’us air an earrach a tha fa chomhair ar n-inntinn. Ni sinn uile le luathghair ait iomradh air an aimsir a tha taitneach, fabharach, blath agus ciuin. Nochd nadur m’ an cuairt duinn anns na miosan a chaidh seachad cia co uamhasach ’us cia co sgriosail ’s a tha na feachdan a tha i ’g gleidheadh ’na broilleach fein. Chuir beinn-theinntidh ann an aite no dha teine eagalach a suas a sgaoil sgrios ’us deuchainn thall ’s a bhos, agus mar so ’rinn olc eagalach. Bha crith-thalmhainn an sud agus an so a’ leag ris an lar iomadh tigh ’us dachaidh, agus a thug call ’us eagal ’us doruinn do cheud neach ’us teaghlach. Tha geur-fhios ’us bronach aig cairdean MHIC-TALLA ri taobh na fairge, gu robh an cuan farsuing stoirmeil agus fiadhaich anns a’ gheamhradh. Chaidh iomadh long boidheach, eireachdail a chall; agus tha iad an diugh tosdach bho thonnan garg a’ chuain. Tha eolas ’us innleachd dhaoine ’dol daonnan air an aghaidh le ceum treun, deifireach agus neo-sgathach. Chaidh bata-smuide ’thogail an uiridh airson rioghachd Ruisia, ’chum ’s gu bristeadh i an t-eigh a’s tiugha ’s a’s treise. Rinn an long so euchdan iongantach ann am bristeadh eigh domhan, cruaidh ann am puirt Ruisia. Tha moran daoine gu nadurra ’nis a’ foighneachd co dhiu ’tha e comasach eigh aimhne mhoir Chanada ’bhristeadh, air chor ’s gu ’n urrainn do longan ’us bataichean smuide ’tighinn a nios gu Cuebec ’us gu Montreal, no gus a’ Bhaile rioghail, ré gach miosa de ’n bhliadhna. On tha comhnardan reamhar ’us leathann na h-Airde ’n Iar-thuath a’ giulan toraidh sultmhoir de ’n chruinneachd a’s modha ’s a’s cruaidhe, tha sinn uile toilichte gu bheil dochas againn gu bi e comasach ann an uine ghear Bagh Hudsoin fhosgladh air an doigh so. Bithidh mar so, rathad goirid eadar comhnardan torach, frasach na h-Airde ’n Iar-thuath ann an Canada, ’s margaidhean farsuing, laidir, dealasach an t-saoghail gu leir. Is e da rireadh, dragh fuasach a tha ann a bhi tabhairt cruinneachd na h-Airde ’n Iar-thuath a nuas thar iomadh mile gus an ruig e Montreal no Cuebec, far am bheil e ’dol thar a’ chuain eitidh gu margaidhean na Roinn-Eòrpa. Is milis agus is firinneach briathran Eoghainn Mhic Lachluinn: Thainig Earrach oirnn m’ an cuairt, Theid am fuachd fo fhuadach cian. Theid air imrich thar a’ chuain, Geamhradh buaireasach nan sian. Gur ionmhuinn an sealladh fonnmhor A chitear air lom gach leacainn; ’S cubhraidh leam na fion na Frainge Faile throm ’s a bheann ’s a ghlacag. Milseineach, biolaireach, sobhrach, Cagach, cuach nan neoinean maiseach; Sionnagach, failleineach, brioghmhor, Luachrach, ditheanach, gun ghaiseadh. Tha dichioll ’us othail ’us farum air feadh na dùthcha a nis. Tha bataichean smuide lionmhor an diugh ann an acarsaidean mora Chanada, ’tabhairt malairt priseil bho dhuthchannan cein agus ag iarraidh malairt o Chanada. Tha ’Pharlamaid cruinn ann an Ottabha; ’s tha ’n da chuideachd a bhuineas dhi ’g am moladh fein agus ag caineadh gu searbh, aingidh nan daoine ’tha air taobh thall an tighe. Tha MAC-TALLA ’s mi fein daonnan a tabhairt fainear—on is e ar run, maith a dheanamh do gach Gaidheal ann an Canada ’s cairdeas fhaotainn uaithe—nach abair sinn focail chruaidh an aghaidh cuideachd air bith. Nam fosgladh a’ bhean uasail Canada a’ beul theireadh i, ’s bhitheadh gliocas air a taobh, ris gach neach a tha gabhail air fein cuisean na duthcha ’riaghladh: “Bi dileas, onarach, tuigseach. Dean do chulaidh-mhaitheis airson na dùthcha. Stadaibh uile de bhur connsachadh ’us bearradaireachd ’us caineadh. Na cluinneam tuille de bhur n-oraidean feineil, guineach. Cha ’n ’eil sibh a deanamh morain maith do ’n dùthaich, ged tha sibh fuaimneach, feineil, ladarna. Tha dichioll ’us treibhdhireas ’us obair ’us innleachd ar luchd-dùthcha a’ deanamh moran maith; ’us maith a’s modha ’s a’s fhearr ’s a’s luachmhoire na tha sibhse ’deanamh as leth sonais ’us soirbheachaidh ’us beartais ’us maoin Chanada.” CONA. LITIR A CEAP NOR. B’i an t-Sàbaid mu dheireadh de Aprail an là bu bhlaithe de ’n earrach; agus a cheud là anns na theann na raointean againn ri ’n glas-dhreach atharrachadh gu uaine. Air a cheathramh là de ’n mhios so, shil mu choig òirlich shneachda, a mhair gun leaghadh fad dha no tri laithean. Agus o’n tha ’n aimsir a fantuinn car fuar, cha do chuireadh ach fior bheagan de sheòrsa sìl sam bith ’s an talamh fhathast. Tha ’n grip thall ’s a bhos air feadh an àite o chionn beagan sheachdainean; agus ged tha cuid ’ga ghabhail gle dhona, cha d’ eug leis gus a so ach aon bhoirionnach aosda—bean Chalum ’Ic-an-Tòisich. Ged bha Mac-an-Tòisich e fhein cho iosal leis an tinneas ’s nach robh a bheag a dhùil aig cuid gu ’m faigheadh e thairis air, tha e nis a dol am feabhas, ’s tha sinn an dòchas nach eagal da. Tha e ’na dhuine geur-chuiseach, na dheadh sgoilear Beurla agus Gailig; ’s cha bheag an t-ioghnadh leam fhein nach ’eil e ’gabhail MHIC-TALLA. Tha mi ’creidsinn gur gann a gheibhte duine sam bith air Eilean Cheap Breatunn a bheireadh bàrr air ann am meadhair mhath, no deadh chuimhne air gach ni a chunnaic no ’chuala no ’leugh e o làithibh òige ’an Eilean a Cheò, far an d’ rugadh ’s an d’ araicheadh e. Air a gheamhradh s’a chaidh, dh’ eug dithis dhaoine òga a mhuinntir an àite so, anns na Stàidean. Bu mhic dithis bhraithrean iad—mic Ruairidh agus Iain Mhoireastain. B’e mac Ruairidh a dh’ fhàs tinn air tùs; agus o nach robh e toileach dol do thigh-eiridinn, leig an t-oganach aoidheil agus caoimhneal, Alasdair, (mac Iain) seachad a chuid cosnaidh, agus bhuanaich e fad sheachd-la-fichead air frithealadh d’ a charaid euslan, eadhon gus an d’ thug e suas an deò. Goirid an deigh sin dh’ fhàs e fein tinn leis an tinneas cheudna, agus ged bha e fo luchd-sgil anns an tigh-eiridinn, bu ghearr an ùine gus na shiubhail e ’n “deigh na bhuinig an t-eug” uaith. Ann an co-dhùnadh na litreach a chuir e gu brathair ’athar, an deigh bàis a mhic, tha na focail so: “B’ fhearr leam gu ’m b’ urrainn mi briathran a sgriobhadh a bheireadh comhfhurtachd dhuibh.” Tha mi ’m barail gu ’m b’i sid a litir dheireannach; agus gu’m faodar gu h-iomchuidh a radh m’a thimchioll: “Air dha ’bhi marbh tha e fathast a labhairt.” M. D. Ceap Nòr, Màigh 16, ’99. THE MAC-TALLA PRINTING AND PUBLISHING CO., LTD. Tha barrantas laghail aig a chuideachd so o phàrlamaid Nobha Scotia, agus bidh i deiseil gu bhi deanamh gnothuich an ùine ghoirid. ’Se tha ’san amharc aig a chuideachd am MAC-TALLA chur air bonn ceart, a chum gu’m bi e air a chumail air adhart, agus aig an am cheudna, air a dheanamh prothaideach dhaibhsan a ghabhas pàirt ann. Bu choir do na h-uile Gàidheal aig am bheil an comas pàirt a ghabhail anns a chuideachd. Bidh an cuid airgeid sàbhailte, cha ’n eil teagamh nach coisinn na chuireas iad ann riabh math dhaibh, agus a bharrachd air sin bidh iad a cuideachadh a phaipeir Ghàilig, agus mar sin meadhonach air a bhi cumail na Gàilig beò, ni bu mhiann leis gach neach anns am bheil boinne de fhuil nam fior Ghàidheal. [TD 341] [Vol. 7. No. 43. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha latha-breith na Ban-righ’nn air a chumail anns a bhaile so mar a b’ àbhaist. Ann an Sidni Tuath bha réis-each aca, agus bha moran de mhuinntir Shidni ’s nam méinnean shios ’ga h-amharc. Chaidh fear Domhnull Mac Gilleain a ghoirteachadh gu dona ann am mèinn an Reserve, seachdain gus an dé, air dha bhi aig obair thuit meall talmhainn air, agus bha a chas air a bristeadh an da àite. Chaochail fear Micheil Shea ann an Indianapolis, o chionn ghoirid, a bha’n làithean òige ’na dhlùth charaid do’n Eirionnach ainmeil, Daniel O’Connell. Bha e-fhéin ag radh gu robh e ceud us naodh bliadhna deug a dh’ aois. Tha muinntir baile Halifacs gach bliadhna a’ ceannach fiach iomadh mile dolair de dh’ im o mhuinntir Ontario, New Brunswick, agus Eilean a’ Phrionnsa. Cha ’n urrainn gu bheil tuathanaich Nobha Scotia fhéin a deanamh cho math ’sa dh’ fhaodadh iad a thaobh ime, ’nuair a tha uiread sin ’ga thoirt as na roinnean eile. Tha aon de bhuill na h-ard-pharlamaid an deigh bill a thoirt a stigh air son gu feum gach dusan udh a theid a chreic ann an Canada a bhi air a chuid a’s lugha punnd gu leth a chudthrom. Bhiodh sin ’na lagh ceart gu leòr; mar a thatar a’ reic nam uidhean an dràsda, faodaidh iad a bhi cho beag no cho mor ’sa thogras iad, cha’n fhaighear orra ach air aon phris. Dheanadh an lagh ùr sin a leasachadh ann an tomhas mor. Thatar an deigh sgur a dh’ fheuchainn air son nan corp ann an Loch Phottle. Tha an diver an deigh grùnnd an locha rannsachadh cho math ’sa b’ urrainn dha, air a dhol air ais gu Halifacs. Their cuid nach robh na gillean air am bàthadh idir, agus gu facas iad an àite no dha suas an rathad-iaruinn, ach tha mhor-chuid a creidsinn gu’n robh, agus gu bheil an cuirp air grunnd an locha, ged nach d’ fhuaireadh iad fhathast. Tha iad a nise deanamh charbadan a shiùbhlar an rathad-mor gun each no ainmhidh sam bith a bhi ’nan còir. Tha aon diubh aig fear J. C. Millir ann am Mirmichi, N.B., a cheud aon dhe’n t-seòrsa a thugadh do na roinnean iseal. Ni e o choig mile deug gu coig mile fichead de dh’astar ’san uair, an aghaidh no le bruthaich. ’Sann le gasoline a thatar ’ga chur air obair, agus ruithidh e tri fichead mile ’sa còig deug le fiach leth-dolair. Chosg an carbad tri cheud deug dolair. Seachdain gus an dé, chunnacas corp boirionnaich air an uisge beagan mhiltean a mach a Low Point, le iasgairean a mhuinntir an àite sin. Bha an cuan cho garbh aig an àm ’s nach b’ urrainn dhaibh a dhol ’ga thoirt gu tir, agus ’nuair a chiùinich an t-side, cha robh e ri fhaicinn, ’s dh’ fhairtlich orra fhaotainn. Thatar a deanamh gur e corp Agnes Bonnar a th’ ann, an nighean a bha air a bàthadh a’s t-earrach ’s i dol tarsuinn an deigh gu dachaidh ann an Sidni Tuath. Ann an America air fad, bha an geamhradh s’a chaidh air geamhradh cho fuar ’sa thainig ri cuimhne dhaoine, ach cha b’ ann anns a chearna so de Chanada bu mhios e. Ged a bha e fuar gu leòr againn ann an Ceap Breatunn, cha robh e idir cho fuar ri geamhraidhean a chunnaic sinn fhéin, ’s cha ’n eil sinn fhathast air àireamh nan seann daoine. Bu chòir dhaibhsan a tha daonnan a cur sios air an dùthaich so air son cho fuar ’s cho mi-fhallain ’sa tha i, gun a leigeil air diochuimhn’ gu bheil dùthchannan ann is miosa gu mor na ni anns an dòigh sin, agus nach eil an dùthaich a tha deas oirnn an còmhnuidh cho blàth ’s cho tiorail ’sa tha iad an dùil. IADSAN A’ PHAIGH. Aonghas Mac Isaic, Halifax, N. S. Alasdair Mann, Halifax, N. S. Iain Domhnullach, Antigonish N. S. Alasdair Mac Lachluinn, Glencoe, Ont. Dr. D. Mac Diarmaid, Maxville, Ont. Eoghann Mac Eoghainn, Maxville, Ont. Niall Mac Nèill, (Eildear) Walker’s, Ont. Mairi B. Nic-a-Bhiocair, Newton Centre, Massschusetts. Bean Iain Dhùghlaich, Mooreton, Dakota Tuath. Mrs. H. P. Haskell, Boston, Mass. Iain D. Mac Gilleain, Roseburn. C. B. M. D. Mac Mhuirich, Grand Mira. Ailein Camaran, Amhuinn Dhennis. An t Urr. C.F. MacFhionghain, Sidni Mines Iain C. Mac Fhionghain, Bridgeport. Tearlach Buchanan, Sidni Tuath. M. Mac Neill. Reserve Mines. Lachuinn Domhnullach, Milton. R. O. Domhnullach, Loch Ghabarus. Màiri Mhathanach, Sidni. M. B. Domhnullach, na Narrows Mhora. Iain I. Gillios, Meadows. Niall Mac Gilleain, Hillside. NA PABAICH AGUS NA RODAIN. Tha eilein beag gasda an Iar-dheas air na h-Earradh, ris an canar Pabai, ainm an tha ’ciallachadh Eilean a’ Phap. Anns an eilean so, a tha an duigh fo chaoirich, gun duine ann ach aon chiobair, bha aon uair moran dhaoine tapaidh, dichiollach; ach cleas iomadh aite eile ’s a’ Ghaidhealtachd, chuireadh as iad le ainneart an uachdarain. Ri linn daoine bhi ’s an eilean so, cha robh aon rodan ri fhaicinn ann, ach bha na Pabaich min eolach air misdeireachd nan rodan air “Tir Mor,” agus mar sin bha eagal am beatha orra gu’m faigheadh na rodain do Phabai. Mu dheireadh thainig soitheach, agus leig i ’n t-achdair ri taobh an eilein. Cha robh ’n uine buileach fada ’n uair a chunnaic fear de na Pabaich, a bha ’na sheasamh aig a’ chladach, beathach beag neonach a’ snamh gu tir as an t-soitheach, Sios na choinneamh leum e, ach tharr an rodan as, agus dh’ fhalaich se e fein am measg na feamain a bha air cruinneachadh air an traigh, Air do na Pabaich cluinntinn gur e rodan a bh’ ann, leig iad na creachan, agus ghearr iad aisde gu na traigh. Thionndaidh iad thairis na h-uile billeag de’n fheamain, agus rug iad air an rodan agus mharbh iad e. Mar sin cha ’n fhacas rodan riamh ’am Pabai ach a mhain “am fear a chaidh a spadadh,” mar a theireadh na Pabaich. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 342] [Vol. 7. No. 43. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 339.) airidh air a leithid de chomannd. Chaidh e na bhreislich; ’s ma bha tùr riamh aige, chaill e nis e. Cha robh ’na chomas dòigh na bu thubaistiche a ghabhail na ’rinn e. Ghabh sinn air ar n-aghaidh, a sìos gu’r glùnaibh anns an t-sneachda. Cha robh òrdugh no riaghailt, ach an ùprad, a’s an aimhreit, a’s an aimlisg a b’eagallaiche—umhas air gach aon—’s a’ ghlaodhaich ’s an sgriachail bu truaighe am measg nan Innseanach. Bha’n sneachd a’ fàs ni bu doimhne. Cha robh biadh ri ’fhaotainn, agus bu bhàs dol a dh’ ionnsuidh na h-aibhne a dh’òl deoch uisge, leis na bha de na h-Affghans dlùth, ’s a’ losgadh air gach aon a dh’ fheuchadh dol gu taobh o chàch. Thuit mòran a sìos air an làr, a toirt dùil a’s géill; ’s mu’n d’éirich grian an là-màireach, bha iad nan cuirp reòidhte. Air an ochdamh là de ’n mhìos, an déigh dhuinn oidheirp a thoirt air tighinn gu cùmhnant ris na daoine borb’ a bha air ar tòir, b’éigin falbh mu mheadhon-latha, agus gabhail air ar n-aghart. Cha deach sinn ach mar mhìle air ar n-aghaidh ’nuair a loisgeadh oirnn leis an nàmhaid gu guineach. Bha sinn a nis ag imeachd troimh bhealach cumhang fad chòig mìle, eadar dà stùchd àrd, chorrach, chas, a’s iad a losgadh oirnn o’n uchdaich—gun chomas urchair a losgadh air a h-ais, nò sinn féin a dhìon air dhòigh sam bith—ar daoine ’tuiteam mu’n cuairt duinn nam ficheadan ’s nan ceudan. Cha robh a nis air ach gach àirneis a’s goireas, bùthaibh, a’s aodach-leapach a’s leapa, ’fhagail aca, ’sa h-uile h-aon an rathad a dheanamh dha féin mar a b’fheàrr a b’urrainn da. ’Sann an sin a thòisich am murt ’s am marbhadh air na criplich thruagh a bha meat agus sgìth, air meileachadh le fuachd, agus an déigh chàich. Thèaruinn ar naimhdean mu aodan nan creag, le claidheamhnan, sgeanan, a’s lannan, a’s mhurt a’s mharbh iad a h-uile h aon nach robh comasach e féin a dhion. Bha’n t-slighe, fad chòig mìle, làn de chuirp nam marbh. Chaill aon reisimeid a h-uile dàrna duine; agus iadsan a fhuair as troimh ’n bhealach, cha b’urrainn doibh gunna a laimhseachadh leis an fhuachd—bha’n lamhan ’s an casan reòidhte, agus thòisich a nis cur a’s cathadh eagallach. Cha robh lòn no biadh ri ’fhaotuinn, ach cuid aig an robh crimean arain a chleith iad fo’n léine. as an do ghabh iad leth-ghreim an dràsd ’sa rìsd, le sneachda ’nam beul mar dheoch. Chaith sinn an oidhche so mar an ceudna air an làr, anns an t-sneachda, gun phlaide, gun fhasgadh; agus b’e sin oidhche an uamhais! An naoidheamh là, bha sinn air ar cois roimh éiridh na gréine. Cha d’fhuair air daimh no ar n-eich làn am beòil o chionn cheithir làithean, ’s bha na daoine a b’fhoghaintiche a’ tuiteam, ’s a’ fannachadh, ’s a’ basachadh an déigh a chéile. Chuir sinn fios a nis a dh’ionnsuidh ceannaird ar naimhdean, e a ghabhail truas air na mnathan a’s air na leanabanan. Rinn e sin, agus air feasgar an là sin chaidh iad a null d’a ionnsuidh. Sheas e ’fhocal—ghabh e cùram dhiubh, agus nochd e mòran caoimhneis doibh. Beagan an déigh so, chaidh dlùth do leth rèisimeid a null, agus striòchd iad dha. Cha robh nis dòigh againn air ar càirdean a bha leònta, lag no tinn, a ghiùlan ni b’fhaide—b’éiginn an treigsinn, agus leigeil leo basachadh, no ’bhi air am murt leis na h-Affghans. B’e so an sealladh truagh! Cha robh a nis ach bàs mu choinneamh gach aoin againn—acras, a’s fuachd, a’s claidheamhnan, a’ bagradh gach mionaid cur as duinn. Chaochail mòran air an oidhche so mar an ceudna. An deicheamh là—Bha an nis na mìltean de luchd-leanmhuinn an airm a’ tuiteam; ’s mar a thuiteadh iad, ghrad spadadh a’s mhurtadh iad. Cha’n ’eil e comasach beachd soilleir a thoirt air an t-sealladh uamhasach. Bha cuid againn, a dh’aindeoin so, a’ gabhail air ar n-aghart. Bha fathasd againn mu leth-cheud saighdear anns gach réisimeid. Ràinig sinn a nis bealach eagallach, nach robh ach deich troidhean air leud, a’s air nach b’urrainn ach triùir no ceithrear imeachd ann an sreath. Bha ar naimhdean os ar cionn, a’ tilgeadh nuas chreagan a’s chlach air ar cinn, ’s a’ losgadh oirnn gu dian, gun stad, gun tàmh. ’S iongantach ciamar a fhuair aon duine ’mach beò as a’ bhealach oillteil so, ged nach robh e ach leth-cheud troidh air fad. Ràinig sinn àit’ anns an robh séorsa de bhothain, baile monaidh; ach thuig sinn a nis gu’n do mhurtadh a’ chuid bu mhò de na h-Innseanaich a bha maille rinn, agus mòran de ar daoine féin. Thainig feachd mòr de na h-Affghans a nuas orra. Bha iad gun chomas cur nan aghaidh, agus chuireadh gu grad gu bàs iad. Chaidh sinn air ar n-aghart; ach cha deach sinn fada ’nuair a choinnich na h-Affghans sinn ann an àireamh mhòr. Cha d’fheuch iad grabadh sam bith a chuir oirnn ré an latha, mar a bha sinn a’ tèarnadh ’sa’ dol ri leathad; ach, do brìgh nach robh e comasach dhuinn a h-aon de’n mhuinntir a bha tinn no leòinte a chuideachadh, mhurt iad gach aon a bha air deireadh, ’s nach b’urrainn cumàil suas ris an arm, a bha nis a’ fàs lag agus ainneamh. Bha againn air fheasgar an là so mu thimchioll air ceithir mìle de gach seòrsa. O na dh’fhàg sinn Cabool, o cheann cheithir làithean, chaill sinn trì mile deug! Bu mhuladach, eagallach, cràiteach an nì, co luath ’sa bha neach air a leòin, no ’thuiteadh e le dìth, na b’éigin ’fhàgail gu bhi air a mhurtadh les na bèisdean. “Bha’n oidhche soilleir, ach fuar, fuar. Bha sinn a nis ceithir-uairean-fichead air ar ruagadh leis na h-Affghans, gun stad, gun tàmh; agus bha deich mìle fichead againn ri choiseachd mu’m b’urrainn duinn stad. ’Nuair a bha sinn mar astar dá mhìle o bhaile beag a bha roimhinn, mhothuich sinn gu’n robh na h-Affghans a dlùthachadh oirnn, agus nam mìltean, ’ga’r cuartachadh. Bha gunnaichean-mòr’ aca ’losgadh oirnn gun stad, ’sa h-uile urchair a’ deanamh bealaich ’nar measg. Tharruing sinn a suas am fasgadh seann bhallachan, fo’n d’fhuair sinn seòrsa de dhion; ach bha iad a’ tarruing dlùth oirnn. Chunnaic sinn gu’n robh ’mhiann orra cuir as duinn. Tharruing sinn a mach ann an òrdugh cath, a’ cuir romhainn seasamh fhad ’sa mhaireadh duine beò. Bha na daoin’ againn air am breith-as, ’s cha mhòr as am beachd, le acras a’s tart. Bha iad ag itheadh an sneachd ’na mhill, an dùil seòrsa de dh’fhaochadh fhaotuinn. Bha alltan bòidheach dlùth, ach bu bhinn bàis do neach sam bith oidheirpeachadh a ruigheachd. Bha fathasd trì daimh mhòr againn, a bha ’giùlan cuid de nithe nach do chaill sinn. Chuir sinn gu bàs iad—gheàrr sinn nam bloithibh iad—’s gun bhruicheadh, gun uidheamachadh, dh’itheadh suas iad, amh mar a bha iad, ann am mionaid no dha leis na daoine truagha. Sann air an là-màireach a rinneadh foill air a’ cheannard againne, Seanalair Elphinstone, agùs air cuid eile da na h-oifigich; a’s glacadh iad leis na h-Affghans, a’s ghiùlanadh air falbh iad. Air an treas-là-deug, chaidh an duine a sgriòbh an eachdraidh na phrìosanach, maille ri càch do champ nan Affghans. Tha e ’toirt a’ chunntais is muladaiche air na t-slighe. Mhothuich e iomad ceud de’n arm Bhreatunnach marbh, rùisgte, air an rathad-mhòr, agus ar an gearradh nam bloithibh leis an nàmhaid fhiadhaich a bha air an tòir. Tha ’chuid eile de’n eachdraidh thruaigh so furasd innseadh. Chruinnich muinntir na dùthcha (ris an canar na Ghilzees) mu thimchioll an àite ’san robh fuidheil an airm againne ’gabhail fasgaidh. Chaidh buidheann bheag de’n arm againne ’mach ’nan coinneamh, a’ cuir rompa an cur air an ais, no bàsachadh; agus ged a bha iad mìle mar h-aon, theich iad roimh na laoich Bhreatunnach mar a dheanadh caoirich roimh chù. Ach phill iad a ris, agus chuartaich iad an t-àite—a fuireach air falbh le h-eagal, ach a’ cuir rompa an cuir gu bàs le fuachd a’s gort. Bha na daoin’ againne a nis fad thrì làithean gun ghreim ri itheadh, no gun deoch uisge. Ged a gheall ceannard nan Affghans, an uair a thug e leis na h-oifigich, biadh, a’s deoch, a’s dìon, bhrist e a ghealladh, agus cha do chuir e nì de na gheall e an gnìomh. Thainig an oidhche. Bhrùchd an sluagh mòr a stigh air na Breatunnaich. Thog iad iolach, a’s leig iad orra, a’s mhurt iad mòran air an oidhche sin. Thog cuid de na Sasunnaich orra leo féin, feadh na h-oidhche; ach cha d’fhuair mac màthar dhiubh as ach a h-aon, Dr. Brydon. Chuairtich na h-Affghans na dh’fhan, agus an ceann deich mionaidean a dh’ùine, cha d’fhàg iad duine beò ach aon chaiptean agus còig saighdearan! Mar so, ann an ceann seachd làithean, mhurtadh agus bhasaich còig ceud agus trì mìle saighdear, agus ceithir-mile-deug de luchd-leanmhuinn a’ champ, a dh’fhag Cabool gu slàn fallain!—Cuairtear nan Gleann. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 343] [Vol. 7. No. 43. p. 7] PRIONNSA TEARLACH. ’Sann ’sa ’bhliadhna 1745 a rinn na Stiubhurtaich an oidheirp mu dheireadh air Crun Bhreatainn fhaotainn. ’Se mac Righ Sheumais vii (ris a bheil an aoidh aig na Sasunnaich a radh an seann thagrair, ged ’se an t-oighre dligheach do’n Chrun a bh’ ann) a rinn an oidheirp seo. Cha robh e ach 24 bliadhna a dh’ aois nuair a thainig e air tir an Albainn, agus bha nadar cho laghadh, agus dreach cho briagha aige ’s nach b’ urrainn do mhoran seasamh an aghaidh ’iarrtus nuair a dh’ iarradh e orra a chuideachadh. Thainig e gu Albainn le seachdnar luchd-leanmhuinn, agus ged nach do shoirbhich leis gle mhath an toiseach air luchd-cuideachadh fhaotainn, cha robh e fada gus an do chruinnich e armailt gle thugaidh am measg nam Gaidheal. Anns a’ cheud bhlar chuir iad ruaig air na Sasunnaich fo ridir Iain Cope, agus chaidh iad air aghaidh gun moran bhacaidh gu Derby am meadhon Shasuinn. Chan ’eil teagamh sam bith nan deach iad air aghaidh gu Lunnainn aig an am sin, gu’n rachadh a h-uile ni leotha, ach o thoisich na cinn - cinnidh Gaidhealaich air deasboireachd am measg a cheile, bha iad a smuaintechadh gu ’m bitheadh e cho math tilleadh. Rinn iad an t-astar bho Dhun Eideann gu Derby agus air ais gu Glaschu 580 mile, ged a stad iad iomadh uair air an rathad an da fhichead us sia la deug, aon dhe na turusan armailt a’s ainmeile an eachdraidh an t-saoghail. Thainig Diuc Cumberland air ais bho’n Fhraing leis an arm Shasunnach nuair a chual e iomradh air an ar-a-mach, agus ged a rinn iad gach cabhag, cha d’ rug iad air na Gaidheil gus an d’rainig iad Inbhirnis. Rinn iad an gnothach air na Gaidheil bhochda aig blar Chuil-fhodair na Gaidheil sgith agus fann a dhith bidh, agus na Sasunnaich reamhar agus ur airson a’ bhlair. Bithidh ainm Chumberland mallaichte gu siorruidh airson ’an-iochmhorachd bheisteil an deigh a’ bhlair a rinn e air na Gaidheil. Bha Prionnsa Tearlach ’na fhograch fad coig miosan ’sa’ Ghaidhealtachd, agus anns an uine sin thainig e troimh uiread cunnartan agus cruaidh-chasan nach ’eil sinn smuainteachadh gu’n deach duine sam bith troimh an uine cho goirid. Fad na h-uine seo bha duais £430,000 air a thairgeadh leis na Sasunnaich do dhuine sam bith a bheireadh a cheann chuca, ach ged a bha na daoine am measg an robh e air fholach cho bochd, cha d’ fhuaireadh gin dhiubh a bhrathadh e d’a naimhdean. Mu dheireadh ’nuair mor nach robh e a’ toirt suas misnich uile gu leir, chaidh a shabhaladh le Fionnaghal Dhomhnullach. An deigh seo, fhuair e air bhord luinge Fraingich an Loch-nan-uagh, an 20mh la dhe ’n mhios Sultuine, 1764. Rainig e an Fhraing air an 29mh la dhe’n mhios cheudna, far an d’fhuair e beatha bho Righ Luthais xv. Chaochail e na thruaghan bochd troimh ’n deoch laidir ris an do ghabh e mu dheireadh, anns an Roimh air an 30mh la dhe’n chiad mhios, 1788. Am Feillire. MAIGH, 1899. 1 Di-luain A’ Bhealltuinn 2 Di-mairt Breith Iain Galt, 1779. 3 Di-ciaduin Breith Shéumais Mhic-an-Taillear, 1753. 4 Dior-daoin 5 Di-haoine Bàs an Ollaimh Mac Dhun-leibhe, 1873. 6 Di-satharna 7 DI-DONAICH V. Donaich an déigh na Càisg 8 Di-luain Bàs an Ridir Séumas Mac Coinnich 1691. 9 Di-mairt 10 Di-ciaduin Toisich ar-a-mach ’sna h-Innsean, 1857. 11 Dior-daoin 12 Di-haoine An fhéill chongail. 13 Di-satharna Bàs Donnachadh Bhàin, 1812 14 DI-DONAICH 15 Di-luain Bas Sir Séumas Domhnullach, 1857. 16 Di-mairt 17 Di-ciaduin An fhéill chatain. 18 Dior-daoin An eaglais shaor, 1843. 19 Di-haoine Fosgladh àrd-sgoil Chille Ribhinn, 1411. 20 Di-satharna 21 DI-DONAICH Di-donaich Caingis. 22 Di-luain Là Inbhir-ruairidh, 1308. 23 Di-mairt 24 Di-ciaduin Bàs Righ Daibhidh I., 1153. 25 Dior-daoin Bàs an Ridir U. Grànnd, 1832 26 Di-haoine Breith Sheasaidh Ghrànnd, 1805. 27 Di-satharna 28 DI-DONAICH Di-donaich na Trianaid. 29 Di-luain Bàs a’ Chardinal Beutonach, 1546. 30 Di-mairt 31 Di-ciaduin Bàs Ollamh Chalmers, 1825. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Cairteal mu dheireadh L. 2, U. 1, M. 33 F An Solus Ur, L. 9, U. 1, M. 25 F A’ Cheud Chairteal L. 17, U. 0, M. 59 F An Solus Lan, L. 25, U. 1, M. 35 M An Cairteal mu dheireadh L. 31, U. 6, M. 41 F [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air-son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99.—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichean fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Iarr air na Marsantan EDDY’S “EAGLE” Parlor Matches 200s. “EAGLE” Parlor Matches 100s. “VICTORIA” Parlor Matches 65s. “LITTLE COMET” Parlor Matches AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL. GUN SRAD PRONNAISG. The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 344] [Vol. 7. No. 43. p. 8] Mairi Bhan Og. LE DONNACHADH BAN MAC-AN-T-SAOIR. A Mhàiri bhàn òg, ’s tu ’n oigh th’air m’aire, Ri ’m bheò bhi far am bithinn fhéin; O’n fhuair mi ort còir cho mòr ’s bu mhath leam, Le pòsadh ceangailt’ o’n chléir; Le cùmhnanta teann ’s le banntaibh daingean, ’S le snaim a dh’ fhanas, nach tréig: ’S e t’ fhaotainn air laimh le gradh gach caraid Rinn slàinte mhaireann a’ m’ chré. ’Nuair bha mi gu tinn ’s mi ’n cinnseal leannain, Gun chinnt co theannadh rium fhein, ’S ann a chunna’ mi ’n òigh air bord tigh-leanna, ’S bu mhòthar ceanalt’ a beus; Tharruinn mi suas ri, ’s fhuair mi gealladh O’n ghruagaich bhanail bhi ’m réir; ’S mise bha aobhach t’ fhaotainn mar ’rium, ’S crodh-laoigh a’ bharain a’ d’ dhéigh. Maduinn Di-luain, ge buan an t-slighe, ’Nuair ghluais mi, ruithinn mar ghaoth, A dh’ fhaicinn mo luaidh ’s rud uainn n-ar dithis Nach dual da rithist gu ’n sgaoil. Thug mi i ’n uaigneas uair a bhruidhinn, ’S ann fhuair an nighean mo ghaol, A’s chluinneadh mo chluas an fhuaim a bhitheadh Aig luathas mo chridhe ri ’m thaobh. Sin ’nuair chuir Cupid an t-uldach am bhroilleach, D’a shaighdean corranach, caol, A dhrui’ air mo chuislean, chuir luchd air mo choluinn, Leis an do thuit mi ge b’ oil leam ’s gu ’n d’ aom. Dh’ innis mi sgeul do ’n tè rinn m’ acain, Nach léigh a chaisgeadh mo ghaoil; ’S e leighis gach creuchd i-féin le feartan Theachd réidh a’ m’ ghlacaibh mar shaoil. Bheirinn mo phog do ’n òg-mhnaoi shomult’ A dh’ fhàs gu boinneanta, caoin, Gu mileanta, còmhnard, seòcail, foinneamh, Do chòmhradh gheibh mi gu saor. Tha mi air sheol gu leoir a’ d’ chomain, A’ bhòid sa chuir thu gu faoin Do m’ smaointean gòrach, prois nam boireannach, ’S coir dhomh fuireach le h-aon. Chaidh mi do ’n choill’ an robh croinn a’s gallain, Bu bhoisgeil sealladh mu ’n cuairt, ’S bha miann mo shùl do dh’ fhiuran barraicht’ An dluthas nam meanganan suas; Geug fo bhlàth o bàrr gu talamh, A lùb mi farasda nuas: Bu duilich do chàch gu bràth a gearradh, ’S e ’n dàn domh ’m faillean a bhuain. Shuidhich mi lìon air fior-uisg’ tana, ’S mi strìgh ’ga tharruinn air bruaich, ’S thug mi le sgrìob air tìr a’ ghealag, ’S a lìth mar eal’ air a’ chuan. ’S toilicht’ a dh’ fhàg e ’n la sin m’ aigneadh, An roinn a bh’ agam san uair; B’i coimeas mo cheud mhna’ reul na maidne, Mo cheile cadail ’s mi ’m shuain. ’S e b’fhasan leat riamh bhi ciallach, banail, Ri gniomh, ’s ri ceanal mna-uails’; Gu pàirteach, baìgheil, blath, gun choire, Gun ghìomh, gun ghainne, gun chruas; Gu deirceach, daonntach, faoilidh, farasd’, Ri daoine fanna, bochd truagh; Is tha mi le d’ sheol, an dochas ro-mhath, Gur lòn do t’ anam do dhuais. Chuir mi air thus ort iùl a’s aithne, Le sùgradh ceanalta, suairc, ’Nuair theannainn riut dlù, bu chùraidh t’ anail No ubhlan meala ’gam buain: Cha bhiodh sgeul-ruin, a b’iùl domh aithris, A b’ fhiù, nach mealladh i uam. Nan cuireadh i cul rium ’s diultadh baileach, Bu chuis domh anart a’s uaigh. Do bhriodal blàth ’s do mhàran milis, Do nadur grinneas gach uair, Gu beulchair, gaireach, aluinn, caoimhneil, Gun chàs a thoilleadh dhuit fuath; Chuir i guin-bàis fad ràith’ am mhuineal Dh’ fhag lan mi ’mhulad ’sa ghruaim, ’Nuair thuig i mar bha, ’sa thàr mi ’n ulaidh, Ghrad spàrr i ’n cunnart ud uam. ’S ann thog e mi ’m prìs o’n tìm so ’n uiridh, An ni ’san urrainn a fhuair, ’Sguab do ’n ìre fhior-ghlain chruineachd, An siol is urramaich’ buaidh. Sin na chuir mi cho riomhach umad, Bha t’ inntinn’ bunailteach, buan: Lionadh do sgiamhachd miann gach duine, An dreach, fiamh, an cumachd, ’s an snuagh. Do chuach-fhalt bàn air fàs cho barrail, ’S a bharr làn chamag a’s dhual; T’ aghaidh ghlan, mhalda, narach, bhanail, Do dha chaol mhala gun ghruaim; Sùil ghorm, liontach, mhin-rosg, mheallach, Gun dith cur fal’ ann ad’ ghruaidh, Deud geal iobhraidh, dionach, daingean, Beul bidh nach canadh ach stuaim. Shiubhladh tu fasach àiridh glinne ’S an ait an cinneadh an spréidh, G’ am bleothan mu chrò, ’s bhi chòir na h -innis, Laoigh og a’ mirreadh ’s a’ leum; Cha mhiosa do lamh ’s tu laimh ri coinnil Na ’n seomar soilleir ri gréin, A’ fuaidheal ’s a’ faitheam bhàn a’s phionar, An nm chur grinnis air greus. Do chneas mar an éiteag gle ghlan, fallain, Corp seang mar chanach an t-sléibh; Do bhraigh cho-mhin, ’s do chiochan corrach ’S iad liontach, soluis le chéill: Gaoirdean tla geal lamh na h-ainnir, Caol mheoir, glac thana, bas reidh; Calpa deas ur, troigh dhlù ’m broig chuimir Is lughor, innealta ceum. ’S ann fhuair mi bhean chaoin aig taobh Màm-charai’ ’S a gaol a’ m’ mhealladh o’m chéill; Bha cridhe dhomh saor, ’nuair dh’ fhaod mi tharruinn, Cha b’ fhaoin domh bharail bhi d’ réir: ’S ioma fuil uasal, uaibhreach, fharumach, Suas ri d’ cheann-aghaidh fhéin, Ga d’ chumail am pris an Righ ’s Mac-Cailean ’S tu shiol nam fear a bha ’n Sléibht’. ’Nam faighinn an drast do charadh daingean An aite falaich o’n eug; Ge d’ thigeadh e d’ dhail, a’s m’ fhagail falamh, Cha b’ aill leam bean eil’ a’ d’ dheigh: Cha toir mi gu brath dhuit dranndan teallaich, Mu ’n ardaich aileag do chléibh, Ach rogha’ gach màrain, gradh a’s furan, Cho blath ’sa b’ urrainn mo bheul. Dheanainn duit ceann, a’s crann a’s t-earrach, An am chur ghearran an éill, A’s dheanainn mar chàch air traigh na mara, Chur aird air mealladh an éisg: Mharbhainn duit geòidh, a’s roin, a’s eala, ’S na h-eòin air bharra nan geug; ’S cha bhi thu ri d’ bheo gun seol air aran, ’S mi chòmhnaidh far am bi féigh. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. [TD 345] [Vol. 7. No. 44. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 2, 1899. NO. 44. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXVI. TUILLEADH BARDACHD. Ged a thug na sgeulachdan toileachadh agus fiosrachadh nach bu bheag dhomh, cha b’e na chuala mi de bhardachd na Feinne bu lugha ’thug dhomh de thoileachadh. “Cha ’n ’eil bàrdachd nan linntean so idir ri bhith air an coimeas ris na duain ’s na h-orain a rinneadh o chionn corr is mile bliadhna. Cha bhiodh e as an rathad dhomh aon eile de Dhàin na Feinne a chur sìos an so. Tha’n Dan so a’ toirt dearbhaidh dhuinn air na gniomharan iongantach agus treun a rinn an laoch, Dearg Mac Druidhinn. Is cosmhuil gu ’n do mharbh an Fheinn Druidhinn, athair an Deirg. Smaoinich a mhac, air dha tighinn gu aois, agus gu gniomharan buadhach a dheanamh, cìs a bhith aige thairis air mòran sluaigh, agus buaidh fhaotainn air gach neach ris [?] ghleachd e; agus gu’n smachdaicheadh e an Fheinn mar an ceudna. Ach ged a cheangail e cuid diubh, agus ged a mharbh e cuid eile, fhuair iad mu dheireadh buaidh air; agus mar a tha ’n Dan ag innseadh, mharbh iad am mac cho math ris an athar. Innseam sgeul air caithream air fhir mhoir, A thainig o’n ear le dochas buaidh; Treun laoch a bha làn de dh’fheirg, ’S b’ e an Dearg dana mac Druidhinn. Gu teach nam Fiann bu mhor glòir, Do ghluais an Dearg Mac Druidhinn; O’n ear, o thir nam fear treun’, Gu crioch a chur air Fianntaibh Alba. Briathar a thug an laoch làn, A’ cheud là do chaidh air sàl; Gu’n tugadh e geill am mach Air gach aon Fhiannaidh d’a fheobhas. Air teachd o’n ear do’n laoch làn, Is e gu’m feumadh an comhrag; Ghluais an Dearg deud-gheal donn, Gu beinn Cruachain nam mor-shluagh. Bha’n dithis laoch na d’ fhuiling tair, A’ coimhead cuain a chobhair bhain, Raoine nan iùil glan, mac Fheinn, ’S an Caol crodha, mac Gru-dhinn. ’N trath choimhid an dithis ud an cuan, Tuiteadar ’nan cadal trom, Gus ’n do ghabh curach an fhir mhòir Cal’ air an traigh ’nan ceart chòir. Leumadh an laoch a b’ fhearr dreach Air tir a crannagaibh a’ churaich; Tharruinn e i air na snoighibh, Air an traigh gheal ghaineamh. Bha ’fhalt fionn-bhuidh mar òr dealrach, Os cionn dà mhala nach dubh is gruaidh dhearg; ’S bha dà dhearc-shuil, gorm mar ghloine, An geal-ghnùis mhacanta a’ mhilidh. Bha dà shleagh reamhar chatha, An laimh mic an àrd-fhlatha; Sgiath òir air a’ ghualainn chlì, Aig mac uasal an ard-righ. Lann nimheil gu liodairt chorp, Air an laoch gun eagal comhraig; Dealbh chumpta, chlochara, chorr, Air a mhilidh thartarrach, thaobh-gheal. Geilleadh ghaisgeach an domhain shoir, Do choisinn an Dearg mac Druidhinn, Aig a mheudachd, air dhealbh, ’s air dhreach Air comhrag ceart is air ciatfath. Dh’ eirich Raoine mac Fheinn, ’S an Caol ciatach, crodha, calma; Thogadar an airm nan laimh, Agus ruith iad ann a chodhail. Innis do sgeul dhuinn, fhir mhoir, ’S ann oirnn tha coimhead a’ chuaim; Is dà mhac righ le mor-uaill sinn, Do Fhianntaibh ard, uaibhreach Alba. Fhreagair esan le gloir neo-thiom, An tir as an d’ thainig mi, Ni h-iomadh aon neach ann do m’ ainfhios; ’S mi ’n Dearg mac Druidhinn ’s cha bhreug, Ag iarraidh geill o fhearaibh Alba. Labhair Raoine an aignidh mhir, Ciod e an righ an Dearg mac Druidhinn? Freagradh no geill o fhearaibh Phail, Ciod am faigheadh tusa ’laoich iomlain? Ge borb sibhse dhithis laoch, Do bhrigh farmaid agus fraoich, Gu’n tugainnsa cìs am mach De Ghall e fein ’s de chlannaibh Threinmhoir. Nan aithrisinnsa dhut na cathan, A Dheirg, a mhic an ard-fhlatha, A chuireadh le Fionn fial, ’S le Gall mac Morna nam mor-ghniomh. ’S gur lionmhor tir de laoich threun’ A dh’ eireadh riutsa gu d’ chomhrag; Is glice dhut gun dol air d’ aghaidh, Na tuiteam le ’m beumaibh crodha. Mo chorruich cha treig mi a chaoidh, ’S e labhair an Dearg mac Druidhinn, Gun chinn na muinntir a shloinntear leam Ceann Fheinn is Oscair is Ghuill air tùs, Ceann Dhiarmaid is Chaoillte ’s Charuill, Is cinn tri cheud luchd-muinntir gach fir, Thoirt dhomh air madainn am maireach; An tir uile ’thoirt dhomh geill An eiric m’ athar, ’s cha ’n aon bheud; No comhrag diol-fheargach, dian Fhaotainn, ’s cha ’n iarr mi tuilleadh. Mo bhriathar, ge borb do chainnt, Do labhair an Caol ceutach crodha, Gu rachamaid ’gad chlaoidh, fhir mhoir, Mu’n teid do sgleò ni’s fhaide. Ris a’ Chaol chrodh’ chalma ’b’fhearr dreach Do ghleachdadh an Dearg mac Druidhinn Gu làidir, le feirg agus fraoch, ’S mairg a dh’ fheuchadh an treun laoch. Dheanadh an Dearg comhrag cruaidh, ’S an Caol crodha le mor uaill; ’S cho-fhreagradh mac-talla nan creag Ri sgoltadh an sgiath ’s na cathaibh; ’S bu deireadh do ghleach an dithis Gu’n cheangladh leis an Dearg ro ghlan An Caol crodha ’s a’ chomhrag dhianmhor. Dh’ eirich Raoine an aignidh mhir, An deigh an Caol crodha ’cheangal, Mac righ na Feinne gun tair, Is ghleachd e ris an Dearg dan’. B’ iongantach na cleasan goil’ A bha eatorra ’san uair sin, Gus ’n do cheangladh le cruaidh bheum an Deirg Raoine, an gaisgeach treubhach. Is treun an gniomh dhutsa, ’fhir mhoir, Sinne ’nar dithis a chuibhreach, Sgaoil do cheangal, a laoch iomlain, ’S thoir leat sinne fad do thuruis. Sgaoil an Dearg le mor chiall, A cheangal bhar dithis mhac righ, Is ghabh e bòidean o gach fear, Nach togadh iad airm ’na aghaidh. Ghluais iad an sin gu Sealama, Gu righ uasal a’ mhoir theaghlaich, Mac Druidhinn nan geur lann buadhach, Is Raoine ’s an Caol fo gheill dha. Gu’n d’ eirich an sin triath Shealma, An righ ro aghmhor, Mac Chumhail, Is fir mhòr, dhireach, dheas, dhealbhach; ’S bu lionmhor fear donn bhrait sroil An taigh mo righ, is fleagh ceol. Labhair righ na Feinne gun tair, Sibhse tha ’n laimh aig an treun-fhear, Ma thogas sibh airm ’na aghaidh, Na sloinnibh air teaghlach Threinmhoir. Suidheadh treun-fhir Innis-Phail, A ghabhail sgeil o chlann an righ; ’S e thainig ugainn air a’ mhagh, Am fear foistinneach, fior-mhala. Dh’ fhailtich sinn e le foil. Am fear mor a b’ fhearr doigh; Shuidh an Dearg ’s nior thiom; ’S gu’n d’ fhailtich e righ na Feinne. Brigh do thuruis gu Sealama, Innis, a laoich a’s aille dealbh. ’Se beachd mo thuruis-sa dhut, A mhic Chumhail, de shliochd Threinmhoir, Greis de’n rioghachd b’ aill leam uat, Ar neo cruaidh chomhrag m’a timchioll. Geill na rioghachd thoirt air sàl, ’S mairg a dh’ iarradh e gun treun fhir. Mur am faigh mi uatsa sin, Comhrag ceud do fhearaibh calma Thoir dhomh air madainn am maireach. Chuir sinn am mach a chum doruinn Bratach Fhearguis mo bhrathar; ’S thog sinn am mach bratach Chaoilte, An dubh-nimhe aobhach, annrach. Thogadh suas mo bhratach fein, ’Sa solus mar ghrein an duibhre; Is thog sinn am mach an Liath-luinneach, Bratach Dhiarmaid òig o Duibhne. ’N sin chaidh iad an dàil a cheile, Slòigh an Deirg is suinn na Feinne; ’S bu luaithe na greanna-ghaoth earraich Sinne ’dol an tus na t-eug-bhoil. Na bu luaithe na milte de shruthaibh A’ ruith an aon slugan o ardaibh, A bhiodh a’ beuchdaich gu treun meanmnach Le Toirm gheamhraidh o gach fasach. Cha bheucadh treun thonn na tuinne, ’N uair bhuaileadh e ri creagan arda, Le neart na gaoith tuath ’san fhaoilteach, Da stuadhadh ri gaoir an ard-chath, Ceart choimeas comhrag nam fear Cha ’n fhaca mi riamh ri m’ latha. Ghluais iad ceud de phobull Fheinn, De threun-laoich le ’n arm-faobh’r grinn; ’S bu lionmhor fear og air a’ mhagh, ’Bha ’tagairt gu dhol ’na chodhail. Mharbhadh leis ar ceud gun dail, ’S bha ’n Dearg a’ neartachadh ’na chail; ’S gu’n calcadh e a lann ’s a sgiath ’S an dian-stri fhuileachdaich, bheumnaich. Gu’n d’ thainig ugainn an darra maireach, Fionn mac Chumhail gus an ar-fhaich, Le naoi mile gaisgeach glan, Gun easbhuidh togradh gu comhrag. Bha lùireach, clogad, agus sgiath Air gach fear dhiubh sud a’ triall; ’S bha lann is sleagh an dorn gach laoich, ’S gair-chath air a glaodháich le Conan. Rinn gach aon de’n naoi mil’ a chleas luith, ’S bu mhor an t-aobhar mi-ruin ’Bhith ’g amharc air spionnadh gach neach; Ach, gu’m b’ fhada o Dhearg an t-eagal. Gu’n d’ bheannaich mac Chumhail gun tair, ’S cho-fhreagair an Dearg dha; ’S gu’n d’ iarr e cumha gu luath Air righ na Feinne ar neo comhrag. Ged is math do lamh-sa, ’fhir ’Se labhair Fionn, flath na h-Alba; Do thoil idir cha toil’ sinn dhut, A Dheirg, air eagal comhraig. Ma’s ann ugamsa ’thriallas sibh A laocha, le’r n-armaibh comhstri, Comhrag trì cheud de dh’ fhearaibh treun’ Bheir thu dho, is mi leam fein; ’S gu’n sgar mi’n cinn o’n corp, A mhic Cumhail nan arm nochdt’. An sin do chuir Fionn gun euradh, Trì cheud a ghleachd a’ churaidh; ’S cha b’ fhada dhaibh ri cluich nan sar-chleas, ’Nuair sgar e an cinn o ’m braghad. Is tri cheud eile ged bhiodh ann Cha seasadh iad roimh’n Dearg threubhach: ’S bha ’n Dearg air mhireadh chum liodairt, Mar mhaoim strutha nan tonnaibh beuchdach. Dh’ eirich Faolan le feirg mhoir, Is thog e ’ghuth am measg an t-sloigh; Is thug e brosnachadh chum catha, Gu cosnadh mic an ard-fhlatha. Ceò fola ruadh do bhi de’n sgiathaibh, ’S cith teine a’ dol anns na neultaibh, ’Se bha o lannaibh nam milidh, Gus ’n do bhristeadh leotha ’n arma Air an corpaibh seimhe, geala. A mhic Morna nach meata gniomh, A laoich chrodha na calamachd, Fhir neartmhoir a bha riamh d’ ar cobhair, A cheann gaisge a’ mhoir shluaigh. Cuimhnich do spionnadh ’s do thabhachd, Cuimhnich na laithean ’chaidh thairis; Cuimhnich air tarcuis na Feinne, Ar n-og-mhic leonte ’s ar mnathan deurach. [TD 346] [Vol. 7. No. 44. p. 2] Gheibheadh tu sud, thuirt an t-ard-righ, Cumha nach d’ fhuair neach ri d’ linn, Ceud luireach is ceud lann, Ceud cu le slabhraidh oir. ’S do rogha de na seudaibh a’s fhearr, Tha staigh ann an Sealama an t-soluis, Do rogha bean òg anns an Fheinn, Mo nighean fhein, a laoich iomalain. Bheir mise mo chomhnadh dhut, Fheinn, Thuirt mac Morna le guth neo thiom; Is leat mi fein ’s mo spionnadh garg, An latha catha agus cruadail. Ghluais mac Morna nan cruaidh-bheum aigh ’Na chulaidh chatha lan feirge, ’S bha crith air an talamh fo ’chasan, ’N àm tachairt ri Dearg mac Druidhinn. Thogadar an sin an fholachd, Eadar an dithis ghaisgeach threuna; ’S bha snaigheadh chlogad is cheann Eadar mac Druidhinn is Iulain. Thug iad gu garbh anns a’ ghreis, ’S cho-fhreagradh mac-talla nan creag; Is theich na h-eoin do’n iarmailt-shuas, ’N àm eisdeachd torunn an sgiathaibh; ’S gu’n d’ thosd fir nam Fianntaidh uile, Ag eisdeachd ri buillibh na h-iorguill. Seachd oidhchean agus seachd lathan, Bu tùrsach ar fir ’s ar mnathan, Gus an do thuit le Goll crodha An Dearg ro-ghlan mac Druidhinn. La is bliadhna do bhi Goll A’ leigheas a chneatha trom; ’S bha fleagh is ceol ann ar teach, Toirt spionnaidh crìdh do Gholl mac Morna. Bha mis’ is Feragus is Faolan An teach aobhach ar n-athar uasail; Mis’ a’ seinn cliu nan treun-laoch Is iads’ a’ foghlum lùth-chleas is cruadail. Theicheadh gach tannasg roimh ar buillean, ’S gach sar-cheann-feadhna gheibhteadh buaidh air; ’S ged tha mi ’n diugh gu h-aosda liath Bu shar laoch treun mi anns an uair ud. Cuirt nam flath gur aite leam fein, Gu aonach nan tannasg gun bheum, Far an do chuireadh ga folachd air chul, ’S am bheil na seoid a dh’ aon rùn. Tha codhail nan cathan an sith, ’S iad air sgiathaibh na doinninn gun stri, Gun bheum sgeithe, gun fharum lainne, An comhnuidh thosdach na caomh chloinne. Tha sliochd Lochlainn is Fheinn gu h-ard, Ag eisdeachd caithream nan aon bhard; An ùigh cha’n ’eil tuilleadh ’s an t-sri, ’S gun uireasbhuidh sithinn no frìdh. Tha’n suil air na bliadhnaibh a threig, Le snotha gun ghean mar mi fein, ’S air raon nan ruadh-bhoc le ioghnadh, O’n glas-eideadh air mharcachd sine. Mar sgeul nam bliadhnan chaidh seach, Air iteig fhaonaich le’n ciar dhreach, Tha aisling na beatha dhuibhse ’fhlathaibh, Mar tha dhomhsa Dearg nan cathaibh. (Ri leantuinn.) BEACHDAN EOGHAIN OIG. LE FIONN. “’S coma leis an Righ Eoghan ’s coma le Eoghan co-dhiu.” Tha iomadach duine neonach anns an t-saoghal, ’s tha fear no dhà dhiù anns a’ Ghleann thiorail so, agus bha e uam beagan fhacal a ràdh mu bheachdan h-aon dhiu, ach leis gu bheil e cho dual nach toir thu feairt air beachdan Eoghan òig mar bi fios agad co e, tha cho math dhomh beagan a ràdh mu Eoghan féin an toiseach. Mar their luchd nan casagan dubha, anns a cheud àite, feumar a thuigsinn nach ’eil Eoghan òg idir—’s fhada o ’n dh’ fhag e bhi òg, ach cha bhi e fhéin ag innseadh, oir is fleasgach e, ’s cha mhò ni mise luaidh air aois. Faodaidh mi so a ràdh ’s an dol seachd, gu bheil seòrsa cuimhn’ agam air ’athair, a fhuair aois mhor. Bha e streap ri còig fichead ’nuair a chaochail e. ’N uair a bha Eoghan òg so th’ againn na làn duine, thòisich daoine ri “seann Eoghan òg” a ràdh ri athair. Tuigidh tu mar so am fleasgach air a bheil mi ri aithris. Tha Eoghan ma ta na dhuine còir pongail, ’s cho fada ’s a cheann ’sa bha Fionn ’s na casan, agus ’n uair dh’ innseas mi dhuit gu ’m b’ ann de “gheara-ghobaich Mhuc-càrna” ’athair, tuigidh tu gu bheil a theanga cho geur ris an ealtainn. Tha Eoghan na dhuine mor foghainteach agus thig e mach le ’bheachdan a dh’aindeon an Righ ’s Mac Cailean. Tha ’n sgìreachd bàn an dràsd agus tuigidh tu fhéin a bhrionglaid a tha ’n lorg a mhi-fhortain so. Chaochail am Ministear Mor latha Fhéill-Brìghde agus ma thuiteas dhuit dol do mhuilionn no ceàrdach cha chluinn thu ach greadan aig a h-uile fear air a chleir. Cha ’n ’eil sgonna-bhalach anns an sgireachd nach ’eil ’ga mheas fhéin làn chomasach air an duine cheart a thaghadh air son na sgireachd, ’s tha na garraich an impis dol ás an amhaich a strith ach co ’gheibh anns a chònlan a tha ris a mhinistear a thaghadh. Cha ’n iongantach leamsa cluasan na cléir a bhi teth, ’s iomadach smàdadh a tha iad a faodainn an dràsda. Thuit dhomh a bhi rathad na ceàrdach an latha roimhe agus chuir fead nan clachan-meallain mu na cluasan agam, a stigh mi a ghabhail fasgadh. Chuir Seumas gobhainn fàilte orm ag radh—“Thigibh a stigh, cha ’n ann a h-uile latha a thig sibhse air chéilidh, cha ’n e gu bheil sinn a’ talach air goinne luchd-taghail an dràsda.” Co thainig a stigh aig mo shàil ach Eoghan òg, agus fhreagair esan an gobhainn. “Gu dearbh cha’n eil a Sheumais, agus mur tig a’ bhrionglaid so gu aona-cheann an uine ghoirid cha bhi do bhrochansa ach tana aig deireadh an ràidhe—cha ’n ’eil thu faodainn oibreachadh ’nad cheardach fhéin. Na ’m bu ghniomh labhairt cha bhiodh an sgireachd gun churaidhean an dràsd, ach ‘cha dean a ghlòir bhòidheach an t-amadan sàthach’—mar thuirt an sean-fhacal.” “Nach coma leat iad,” fhreagair an gobhainn còir, “cha ’n ann a h-uile latha gheibh iad an guth a shineadh, theagamh gu’n tig gliocas le aois, ’s tha cuimhn’ agad air an t-sean-fhacal—“Léintean farsuinn do na leanaban òga.’” Anns a’ bhruidhinn a bh’ ann ’thug mi sùil mu’n cuairt, an déigh dhomh Eoghan òg fhàilteachadh, ach co bh’ agam. ’Ga ’n garadh air an tealaich bha Calum na bòilich agus Dùghall a sheana-mhathar. ’Na shuidhe air oir an amair bha Dùghall Ruadh am bàrd loireach á Cadaldan ’s e cur ris aithris ‘Aoir nan seilcheag,’ a bhàrdachd mu dheireadh a chuir e air dòigh. Bha Dòmhnull beag an t-seicleir a’ séideadh a’ bhuilg, agus Tearlach nan long casa-golach air adharc an innean, ’s gille ’ghobhainn na shuidhe air a cheann eile. A bharrachd orra so bha bannal de ghillean a làthair air nach robh mi mion-eòlach, ach thuig mi gu ’n robh iad uile ann an ceàrdach roimhe so. Mar a thuigeas tu, ciod a bh’ air lom na dalach ach taghadh ministear sgìreachd, agus cha luaithe a shùmhlaich sinn na ghlaodh Calum na bòilich—“An cluinn thu so, ’Eoghain òig, tha mi fhein agus Dùgall a so, bràth dol thar a chéile mu ‘Ciod iad comharraidhean deagh mhinistear duthcha?” agus bu mhath leinn do bheachd air a’ chùis fhaodainn.” “Fhalbh, fhalbh,” fhreagair Eoghan òg, “cum sin gu Di-haoine Ceisde, ’s bithidh i cho riginn ris a Cheisd a bh’aca ’s a Chill Neònaich an uraidh, ’nuair a theab na bodaich leum air a cheile. “Ciod a’ Cheisd a bha sin?” dh’ fheòraich an gobhainn, is aoibh uilc air. “Nach robh,” arsa Eoghan òg, air a mhìn, shocair,—“C’arson a bha Edom ròmach ruadh?” “’S ciod an co-dhùnadh gus an tàinig iad?” dh’ fheòraich an gobhainn. “Thàinig an oidhche mu’n deach ac’ air a’ cheisd fhuasgladh agus dh’ aontaich iad gu tugadh iad air bonn i an ath-bhliadhna, air Di-haoine Ceisde,” fhreagair Eoghan og. “Tha iad ag ràdh,” arsa Calum na bòilich, “gu bheil Eachunn Ruadh, fear de na DAOINE a dol feadh na sgìreachd ’s ag ràdh mur bi iad uile aon-sgeulach—’s e sin de ’n aon bheachd ris fhéin, mu Edom, air an ath latha Ceisde, gu tig e mach leis a ghur a leanas ris, á tigh na daorsa, agus gu ’n cuir e eaglais air chois o’n ainm EDOMAICH. “Cha ’n ’eil a sin,” arsa Eoghan òg, “ach tuille de d’ bhoilich a Chaluim.” “Ach an da-rìreadh Eoghain,” arsa Dùghall a sheana-mhàthar, “ciod e do bharail air ministear dùthcha?” “’Se mo bheachd-sa ma tha daoine dol a thaghadh ministear le chomharraidhean o’n leth muigh gu ’m bi ’bhlàth ’sa bhuil air a theagasg,” fhreagair Eoghan, “agus is fior an sean-fhacal—’Nuair a bhios am popull dail ni ’n gille cam ministear. Taghadh sibh-se fear mar so ’s cha bhi a shearmonachadh ni ’s drùightiche na ‘Aoir nan seilcheag’ aig Dughall Ruadh, na ‘Cumha na h-easgunn’ aig a’ Bhàrd Mac-Làmhaich.” Chuir so frionas air a’ bhàrd loireach agus fhreagair e gu gobach—“Nach ann agad tha ’n dearg aghaidh labhairt cho tàireil a sin air mo bhàrdachd-sa, fear nach do sgriobh Cumha no Aoir riamh.” “Taing do ’n Fhreasdal,” fhreagair Eoghan og, “a chum mo thoinisg ’s mo thuigse rium; tha gu ’n teagamh ’fhàgail fhéin aig gach neach, ach buidheachas do Ni Math a chum mi gus a so o’n bhàrdachd—’s e sin an seòrsa a tha dol an dràsd—cead na cuideachd!” Chuir so an dearg chaothach air a bhàrd loireach ’s thug e chasan ás ged a bha ’n dìleadh mhor ann. “Chuir thu ’n teicheadh air a’ bhàrd,” arsa Domhnull beag, “’s e fhein cho moiteil mu ‘Aoir nan seilcheag.’” “Gabhadh e siud,” arsa Eoghan og, “tha bàrdachd is bàrdachd ann, agus cha ’n ’eil mi gun tuigse ciod e fior bhàrdach ach ’s beag orm iadsan a bhios ag ràdh bàird riutha fhéin, ’n uair nach sloinnear iad a measg nam bàrd le daoin’ eile. Cùl mo laimh ris na ròcais lonach.” “Tha thu gle cheart,” fhreagair an gobhainn, “ach éisd so Eoghain, ciod e do bharail air na seòid a chuala sin o chionn Sàbaid no dha; c’iamar a chòrd am bodachan beag riut a bh’ againn a sheachdain an Dònach so chaidh?” “Ne sin am bodachan sith a bha cho neo-neular ’s ged a thigeadh e ás an t-Sithein ud thall, ’s a ghabh mar a cheann-teagaisg. Is beannaichte luchd-deanaidh na sìth?” “A cheart duine, Eoghain,” ars’ an gobhainn, “ciamar a chòrd a theagasg riut.” “Cha do chòrd ach glé mheadhonach,” fhreagair Eoghan. “Bha sibh a bruidhinn air comharraidhean deagh mhinistear ach gu dearbh cha chomharradh math leam fein ministear fhaicinn a’ tighinn a stigh do ’n eaglais le ceum slaodach, a taruing a chasan ás a dhéigh mar gu ’m bitheadh gearabhuinn luaidh air a bhrogan, a cheann ’na sgròban, ’s e cho crom ri bodach na gealaich na ris a mhàsan bhodaich a tha cumail a suas an t-saoghail—aodann cho fada ri fidhill, ’s gun choltas aoigh no aiteas air; a réir mo bheachd-sa cha chomharraidhean maith na freagarach sin air Teachdaire “deagh sgeul a mhòr aoibhneis.” Air an laimh eile cha bu mhath leam am ministear fhaicinn a trotan a stigh, a feadaireachd ‘’S coma leis na h-ionagan cìobairean taobh Loch - odha;’ tha cuimse air na h-uile rud, ’s tha rathad làmh ris an rathad mhor. A thaobh teagasg a’ bhodachain shìth cha do chord e idir rium. Cha duine garg no fuilteach mi, ach air a shon sin cha ’n ’eil bàigh no tlachd agam anns an teagasg bhog, mhaoth tha dol an dràsd. Cha’n ’eil e idir duineil ’s cha chord e ri càil nan Gaidheal. Theagamh gun robh e freagarach do cho-shuidheachadh nan Iùdhach an am an Tiomnaidh Nuaidh—oir bha iad diùididh bochd, ’s fo smachd air na h-uile—ach Clann nan Gaidheal nach do ghéill do nàmhaid riamh—a shlachd na Romanaich fhein, gus am b’fheudar dhaibh gàradh-droma thogail tarsuing Alba eadar iad féin agus gillean an fhéilidh cha bhi cuid no gnothach aca ris an teagasg mheata so. A reir an teagaisg tha dol an diugh ma bhuaileas fear sgleog ’s an leth-cheann ort tha thu ri làn chothram a thoirt dha sgleog a thoirt do’n leth-cheann eile, cha b’e so teagasg an t-Seann-Tiomnaidh. B’ e mo laochan Maois—cha bhiodh cuid na ghothaich aige ris an teagasg thais so—’s e bhiodh aige-san, “Sùil air son sùla, fiacail air son fiacail, làmh air son laimhe, cos air son coise, buille air son buille.” [TD 347] [Vol. 7. No. 44. p. 3] Cha d’ fheith Eoghan og ri freagairt Sheumais nan long. Thug e ’n dorus air, ’s dh’ fhàg e siud aig Seumas ri chnuasachadh. ’Nuair a dh’ fhalbh e cha tainig facal a ceann duine. Chuir Eoghan a ghlas-ghuib orra gu buileach. Bha an turadh ann a nis, dh’ fhàg mi beannachd aig Seumas gobhain ’s thog mi orm. Ruigidh mi ’cheàrdach latha eile.—Highland News. SGEULACHDAN ARABIANACH. An t-Amadan Crotach. CAIB. XXIX. An uair a thuig am Persianach gu’n robh mo bhrathair ’na dhuine glic, turail, tuigseach, thug e dha riaghladh an taighe. Bha e ’deanamh a dhleasdanais dh’ a mhaighstir anabarrach math fad fichead bliadhna. An ceann na h-uine sin, dh’ eug am Persianach. Agus o nach robh dilibich air, rinn an righ greim air gach ni ris an t-saoghal a bhuineadh dha. Chaill mo bhrathair an suidheachadh math anns an robh e, agus gach ni a bhuineadh dha. O’n a bha e cho bochd ’s a bha e riamh, smaoinich e gu’m falbhadh e gu ruige Meca ann an cuideachd dhaoine a bha ’dol ann air turus-crabhaidh; oir bha fhios aige gu’n nochdadh iad caoimhneas is carantas dha. Ach gu mi-fhortanach thachair robairean riutha an uair a bha iad a’ dol troimh ’n fhasach, agus thug iad uapa a h-uile bonn oir is airgid a thachair a bhith aca. Thug fear dhe na robairean leis mo bhrathair, agus o’n a bha e ’n duil gu’n robh or is airgiod aige mar a bh’ aig cach, bha e ’toirt greis air gabhail dha le slait a h-uile latha, feuch an aidicheadh e gu’n robh or is airgiod aige gus a shaorsa cheannach leotha. Thuirt mo bhrathair ris a h-uile uair a bha e ’ga dhochann leis an t-slait, “Gabh mi mar do sheirbhiseach, agus dean do thoil rium; ach tha mi ’g innseadh dhut gur mi duine cho bochd ’s a tha beo, agus mar sin tha e neo-chomasach dhomh mo shaorsa cheannach uat.” Dh’ innis mo bhrathair dha a h-uile mi-fhortan a thainig ’na rathad; agus dh’ fheuch e cho math ’s a b’ urrainn e ri toirt air an robair cead a choise a leigeadh dha, ar neo sgur a ghabhail air leis an t-slait. Ach cha tugadh an robair cluas no geill dha. Bha e air a lionadh cho mor le corruich an uair a chunnaic e gu’n robh mo bhrathair lom, falamh ’s gu’n do ghearr e bilean mo bhrathair mar gu’m biodh bilean moidhich. Agus a chionn nach robh e umhail gu leor dha anns gach doigh, thug e gu mullach beinne e, agus dh’ fhag e leith mharbh ann an sid e. Tha ’bheinn air an d’ fhagadh e faisge air an rathad gu Bagdad. Dh’ innis luchd-turuis dhomhsa far an robh e, agus chaidh mi air a thoir ’s thug mi do ’n bhaile e, far an do nochd mi dha a h-uile caoimhneas a b’ urrainn mi. So agaibh, ma ta, ars’ am Borobair, na dh’ innis mi do ’n righ. Rinn e gaireachdaich gu leor an uair a chual e mo naigheachd. “A nis,” ars’ esan, “cha ’n ’eil teagamh agam nach e, ‘An Tosdach,’ far-ainm a tha gle fhreagarrach ort. Cha ’n fhaod duine sam bith a chaochladh a radh ’nam eisdeachd-sa. Ach air son aobar araidh, tha mi ’g ordachadh dhut grad fhalbh as a’ bhaile, agus agus gun d’ aghaidh no d’ aodann a nochdadh ann fhad ’s bhios mise beo.” B’ fheudar dhomhsa falbh as a’ bhaile, agus bha mi aireamh bhliadhnachan a’ falbh o dhuthaich gu duthaich. Mu dheireadh an uair a thuig mi gu’n d’ fhuair an righ bas, thill mi do Bhagdad. Ach cha robh a h-aon dhe mo bhraithrean beo. Is ann an uair a thill mi do ’n bhaile so, a rinn mi an obair mhath do ’n duine og a tha crubach. Ach, mar a tha fhios agaibh, cha ’n e taghadh na taing a fhuair mi uaithe air son na rinn mi dha de mhath. An aite bhith fada ’nam chomain, is fhearr leis teicheadh romham, agus a dhuthaich fhein fhagail. An uair a thuig mi nach robh e ann am Bagdad, ged nach b’ urrainn neach sam bith innseadh dhomh far an robh e, chuir mi romham gu’n rachainn air a thoir. Bha mi uine fhada ’siubhal o dhuthaich gu duthaich; agus an uair bu lugha bha dhuil agam ri ’fhaicinn, thachair e rium an diugh; ach cha robh smaointean sam bith agam gu’m biodh e cho feargach rium ’s a bha e. An uair a chuir am borobair crioch air a naigheachd, ars’ an taillear, dh’ aidich sinn nach robh an duine og fada cearr an uair a thuirt e gur e duine fothallach, luath-bheulach a bh’ anns a’ bhorobair. Ach air a shon sin, dh’ iarr sinn air fuireach comhladh ruinn, agus a roinn dhe ’n chuirm a thug fear-an-taighe dhuinn a ghabhail. Bha sinn gle chridheil, comhraiteach aig a’ bhord gus an robh e aird-fheasgair. Sgaoil a’ chuideachd an uair sin, agus chaidh mise do’n bhuthaidh, far an robh mi gus an d’thainig an t-am dhomh a dhol dhachaidh am beul anamoch na h-oidhche. B’ ann re na h-uine ud a thainig an t-amadan crotach, agus e air leith iomall na daoraich, gu dorus na buthadh, far an d’thug e greis air gabhail oran ’s air cluich air inneal-ciuil. Bhuail e anns an inntinn agam gu’n tugainn cuireadh dha thun an taighe comhladh rium gu greis de cheol-spors a thoirt dhomh fhein ’s do ’n mhnaoi. An uair a fhuair e an cuireadh, cha bu ruith leis ach leum a’ falbh. Aig ar suipear bha iasg againn, agus thug mise a roinn fhein dhasan dheth air trinnsear. Ach bha e cho gineach thun an eisg ’s nach robh e fuireach ris na cnamhan a thoirt as. Gu mi-fhortanach stad cnaimh mor ’na amhaich, agus thuit e marbh air ar beulaobh. Rinn sinn na b’ urrainn duinn gus an cnaimh a thoirt as an amhaich aige; ach dh’ fhairtlich is dhubh-dh’fhairtlich oirnn a thoirt aisde. An uair a thug sinn fa near an cunnart anns an robh sinn gu’n deanadh an lagh greim oirnn, thug sinn leinn an corp gu bog, balbh do thaigh an doctair Iudhaich. Chuir an doctair Iudhach ann an seomar a mharsanta e; chuir am maarsanta e far an d’ fhuair fear-solair an righ air an t-sraid e, far an robh daoine ’creidsinn gur e am marsanta a mharbh e. So, ma ta, ars’ an taillear ris an righ, na bh’ agam ri innseadh a chum bhur deanamh riaraichte gu ’m bheil naigheachdan ann a’s iongantaiche na naigheachd an amadain chrotaich. Bha coltas aoidheil air gnuis an righ, agus thug sid misneach mhath do ’n taillear, agus do ’n triuir eile a bha ’n righ a’ maoidheadh a chur gu bas comhladh ris. “Feumaidh mi aideachadh,” ars’ an righ, “gu’m bheil na dh’ innis thu dhomh mu ’n duine og a tha crubach, mu’n bhorobair, agus mu na thachair dha shianar bhraithrean, a’ cordadh rium na ’s fhearr na naigheachd an amadain chrotaich; agus air an aobhar sin, tha mi ’toirt mathanais dhuibh ’n ’ur ceathrar. Ach mu ’n tiodhlaic sinn an t-amadain crotach, bu ghle thoigh leam am borobair fhaicinn, o ’n is ann air saillibh a chuid naigheachdan a tha mi ’toirt mathanais dhuibh. O’n a tha e anns a’ bhaile, saoilidh mi gu’m bi e furasda gu leor forofhais fhaotainn air.” Aig a’ cheart am, chuireadh an taillear agus maor air falbh air thoir a’ bhorobair. An uine gun bhith fada, thill an taillear agus am maor, agus am borobair aca, agus thugadh an lathair an righ e. Bha am borobair ’na sheann duine mu thimchioll ceithir fichead bliadhna ’s a’ deich a dh’aois. Bha ’mhalaidhean agus ’fheusag cho geal ris an t-sneachda, agus bha cluasan mora, agus sron fhada air. Cha b’ urrainn an righ cumail air a ghaire an an a chunnaic e e. “A dhuine thosdaich,” ars’ an righ ris, “tha mi ’tuigsinn gu’m bheil moran de naigheachdan iongantach agad. An innis thu dhomh feadhainn diubh?” “Le ’r cead, a righ,” ars am borobair ’s e freagairt, “leigeadh sinn leis na naigheachdan an drast. Tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu’n ceadaich sibh dhomh fhaighneachd, c’ar son a tha ’n Criosduidh, an t-Iudhach, am Mahomedanach, agus an duine marbh air bhur beulaobh an so.” Thainig fiamh gaire air an righ an uair a chual’ e cho deas ’s a bha ’m borobair gu ceist a chur air, agus thuirt e “C’ar son a tha thu ’faighneachd sin dhiom?” “Le ’r cead, a righ,” ars’ am borobair, “is e an t-aobhar a’s mo a th’ agam air son a’ cheist a chur oirbh, a chum gu’m bi fios agaibh nach ’eil mi cho abarta agus cho bith-bhriathrach ’s a tha daoine ’cur as mo leith, agus gur e an ‘Tosdach’ ainm a tha ro fhreagarrach orm.” Dheonaich an righ fios a thoirt do ’n bhorobair c’ar son a bha ’n triuir dhaoine beo, agus an duine marbh air a bheulaobh, agus dh’ ordaich e naigheachd an amadain chrotaich innseadh dha o thoiseach gu deireadh. An uair a chuala ’m borobair an naigheachd, chrath e ’cheann, mar gu’m biodh e ag radh ris fhein, “Tha rud eiginn aig a’ bhonn so nach ’eil mi tuigsinn.” “Gu firinneach ceart,” ars’ esan, “is e naigheachd anabarrach iongantach a tha ’n so; ach bu mhath leam a dhol beagan na bu dluithe dha gus beachdnachadh na b’fhearr air.” Shuidh e air an urlar, agus chuir e ceann an amadain chrotaich eadar a dha ghluin, agus an uair a bheachdaich e gu dluth air car uine, thoisich e ri gaireachdaich ’s gu’n do thuit e air a dhruim direach air an urlar air beulaobh an righ. Cho luath ’s a thainig e g’a ionnsuidh fhein, thuirt e, “Tha e air a radh, agus tha e fior gu leor, nach fhaigh duine sam bith bas gun aobhar. Ma bha eachdraidh riamh airidh air a sgriobhadh ann an litrichean oir, is e eachdraidh an amadain chrotaich an aon te.” An uair a chual’ an righ, agus na bha ’n lathair maille ris, na briathran so, bha iad an duil gur ann air fas faoin a bha ’m borobair. “A dhuine thosdaich,” ars’ an righ, “labhair riumsa; c’ar son a tha thu ’deanamh a leithid de ghaireachdaich?” “Le ’r cead, a righ,” ars’ am borodair, “bheir mi mo mhionnan dhuibh nach ’eil an t-amadan crotach marbh idir. Tha beatha ann fhathast; agus fuilingidh mi a’ chluas a thoirt o’n chlaigionn agam mur leig mi fhaicinn duibh an uine gun bhith fada gu’m bheil mi ’g innseadh na firinn duibh.” An uair a thuirt e so, thug e lamh air bocsa beag anns am biodh e ’giulan caochladh chungaidhean a h-uile taobh a rachadh e. Thug e ’mach botul beag as a’ bhocsa; agus ge b’ e stuth a bh’ aige ann, thoisich e ri shuathadh ri amhach an amadain chrotaich. An uair a bha e greis mhath air an obair sin, thug e turcais bheag, ghrinn, a ceis a bh’ aige, agus an deigh dha deud an amadain a thoirt o cheile le inneal a bh’ aige anns a’ cheis, dh’ fhosgail e bheul, agus thug e an cnaimh as an amhaich aige ann an tiotadh, ’n an lathair uile. Ghrad rinn an t-amadan crotach streathart, shin e a lamhan agus a chasan, dh’ fhosgail e ’shuilean, agus nochd e ann an doigh no dha eile gu’n robh beatha ann. Ged a bha ioghnadh gu leor air righ Chasgair ’s air na bha ’n lathair comhladh ris, an uair a chunnaic iad an t-amadan crotach beo, an deigh dha bhith fad latha ’s oidhche ann an riochd mairbh, bu mho na sin a bha de dh’ ioghnadh orra, an uair a chunnaic iad cho ealanta ’s a chaidh am (Air a leantuinn air taobh 350.) [TD 348] [Vol. 7. No. 44. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., IUN 2, 1899. COGADH NO SITH. Is gasda ’s is taitneach an ni sith. Tha nàdur anabarrach sgiamhach agus tlachdmhor an uair a tha gach stoirm ’us on-fhadh ’us gaoth aig fois, ’us a tha gach fonn ’us faiche, gach gleann ’us meall, gach cnoc ’us comhnard, gach loch ’us fairge ciùin, samhach, dealrach ann an solus boidheach na gréine. Am feadh a tha gach torrunn ’us ulfhartaich ’us fuaim ’us farum air arfhaich agus anns a’ bhaile mhor tosdach, gun stri, gun othail, tha comas aig nàdur air sgeadachadh riomhach, sàmhach a chuir air. Tha ’n dùthaich agus an sluagh sin da rireadh sona, ’s faodaidh iad a bhi aghmhor, toilichte, an trath tha sith air a mhealtuinn, agus a tha comas aig ard ’us iosal, aig gach tuathanach agus fear ceird air an obair féin a dheanamh, agus air an innleachd féin a chur an gniomh, gun stath, gun eagal, gun sgios ’us gun bhruaillean, do bhrigh gu bheil fuaim ’us grabadh ’us cunnart ’us bagradh ’us amharus fad’ air falbh. Tha aobhar againn ann an Canada a bhi taingeil ’us toilichte; oir cha ’n ’eil sinn air ar fiosrachadh le stoirm ’us eagal ’us call ’us tubaist a’ chogaidh. Tha e fior gu leoir gu robh aramach uair no dha anns an linn so ann an Canada. Is anns an Iar-thuath a bha ’n t-aramach; agus is ann aig Batoche a’ rinn Innseanaich agus Frangaich na h-Airde ’n Iar-thuath, fo ’n ceannardan Riel agus Lepine, oidheirp dhana, dhealasach air ughdarras fhaotainn doibh fein, agus air tionndadh air falbh fo umhlachd dileas a thabhairt do Bhàn-righ Bhreatuinn. Gus an latha ’n diugh cha d’ fhuair ’us cha ’n fhaca MAC-TALLA ’s mi féin cunntas firinneach, ceart air an aobhar a thug air aghaidh aramach na h-Airde ’n Iar-thuath. CANADA ’S NA STAIDEAN. Ged bhitheas gun tamh, ceistean duilich agus cudthromach eadar sinn féin agus na Stàidean, agus ged tha sinn min-eolach air an dragh a tha na ceistean ’us na cuisean so ’giulan leotha mum bi iad air an reiteachadh, cha ’n ’eil iomradh aig àm air bith a nis, gu feum an claidheamh tighinn as a thruaill. Bha Comunn de dhaoine comasach ré sè miosan, ann mo bheachd, araon ann an Cuebec agus ann an Uashington, cruinn le cheile airson cuisean a chur an ordugh eadar sinn féin agus na Stàidean,—cuisean a tha annta féin cudthromach agus fiachail, agus d’ am buin moran de shonas agus de shoirbheachadh do ’n da dhùthaich. Cha do shoirbhich gu ro-mhath no gu maith idir leis na daoine ud, anns gach dichioll a nochd iad, agus an saothair a chuir iad an gniomh, leis an dochas gu cuireadh iad crioch air gach connsachadh, agus gu ’n aisigeadh iad air ais seasgaireachd do na Stàidean, ’us do Chanada mar an ceudna. A reir an eolais a tha fa chomhair an t-saoghail, feumar aideachadh nach d’ fhuair an luchd-chomhairle ud moran tabhachd, agus nach d’ rinn iad euchd beag no mor, gaisgeil no diblidh. Tha aobhar againn ann an Canada ’bhi ’cumail a mach gur e rùn-suidhichte nan Stàidean a’ chuid a’s fearr iarraidh ’us a ghabhail. Is ann le snodha gaire ’tha sinn a’ cluinntinn gu bheil luchd-comhairle nan Stàidean ag innseadh gu robh iadsan deonach air cothrom faoilidh, fiughanta ann an iomadh seadh a bhuileachadh air Canada; ach gu robh a luchd-comhairle daonnan amharusach agus gealtach, agus gu robh eagal orra geill a thabhairt do na sochairean luachmhor a bha na Stàidean a tairgseadh doibh. Cha ’n ’eil MAC-TALLA ’s mi féin a’ cur moran muinghinn ann an caoimhneas agus ann an geallaidhean neo-fhéineil nan Stàidean. Tha e air aithris an sud agus an so, gu bheil na daoine iomraiteach so a’ dol a chruinneachadh a rithist anns an fhogharadh, agus gu builich iad, le ’n gniomharan mora, glic ’us iongantach, sith ’us tairbhe ’us soirbheachadh nach bi aon chuid fann no faoin, air na Stàidean agus air Canada. Chi sinn! Chi sinn ma bhitheas sinn beò! Is e an gliocas a’s modha ’s a’s fhearr is urrainn duinn altrum ann an Canada, na ceanglaichean a tha g’ ar nasgadh ri Breatunn a tharruing ni ’s dluithe ’s ni ’s baigheile. Bitheadh ar mathair tlusail, caoimhneil ’us fabharach ruinne; agus bitheamaid, a clann, daimheil ’us dileas dise anns gach stri ’us malairt, anns gach reic ’us ceannach. NA STAIDEAN ’S AN SPAINN. Thoisich na Stàidean an uiridh le toirm ghreadhnach air cogadh an aghaidh na Spainne ann an Cuba, ’s an aite eile. Tha iad, tha mi féin a’ saoilsinn, a faotainn lan an cridhe de chogadh, le sluagh iargalta, cruadalach nan eilean Philippianach. Tha ’n cogadh so astar fada air falbh, air chor ’s gu feum na Stàidean saighdearan ’us gach innleachd cogaidh a chuir thar a’ chuain fharsuing, bheucaich, mu faigh iad buaidh dhiongmhalta air na daoine luath-chasach, bhorba ud; agus mun steidhich iad ainm ’us ughdarras nan Stàidean gu siobhalta, seasmhach, ann an eilean feargach, tolgach a’ chuain Shamhaich. Ma dh’ fhaoidte gu bheil iomadh duine tuigseach, pongail anns na Stàidean air am bheil doilgheas trom gu do ruisg a dhùthaich an claidheamh an uiridh a dheanamh cogaidh ann an Cuba, ’s ann an eileanan iomallach ’us do-bheartach a’ chuain Shamhaich. COMHAIRLE NA SITH. Tha aire nan rioghachdan thall ’s a bhos air a shocrachadh a nis air a’ choinneamh a thoisich anns an Hague (baile mor na h-Olaint) bho cheann beagan làithean. Mu thoiseach a’ gheamhraidh chuir Csar cumhachdach Ruisia litir ghlic, charthannach a dh’ ionnsuidh righrean ’us uachdarain an an t-saòghail, a’ cur an ceill gu bheil e ro-iomchuidh meudachd ’us cosd nam feachdan a lughdachadh gu mor am measg nan rioghachdan. Tha, gu cinnteach, sluagh anabarrach anns an Roinn-Eòrpa féin a’ caitheamh a’ chuid a’s fhearr de ’n treoir ’us de ’n laithean ann an deanamh seirbhis mar shaighdearan. Tha, mar an ceudna, sluagh lionmhor a’ seoladh agus a’ cumail ann an ordugh cabhlaich iomadh dùthcha, le ’n longan cogaidh uamhasach, agus le ’n gunnachan oillteil. Chi gach neach gu furasda, gu bheil moran daoine air an tarruing air falbh bho ’bhi ’deanamh saothair mhaith, shamhaich, tharbhaich doibh féin agus do ’n dùthaich, do bhrigh gu bheil e mar fhiachaibh orra an t-eididh dearg a chur orra ’s a bhi daonnan deas a tharruing a’ chlaidheamh, agus a losgadh an gunna marbhtaich. Is e caileag òg a tha fathast ann am Bàn-righ na h-Olaint. Tha i féin agus a luchd-comhairle ’tabhairt aoidheachd mhaith ’us fhaoilidh do na daoine cliuiteach, onorach a thainig gu Baile rioghail na h-Olaint, airson an comhnaidh agus an gliocais a thabhairt seachad gu treibhdhireach, ealanta, anns an dùrachd a’s coir do gach righ ’us uachdaran altrum agus a nochdadh, ann an crioch a chur ann an tomhas mor, co dhiubh, air a’ chosd uamhasach a dh’ fheumas feachdan an-mhor airson an cumail suas—cosd a tha ’fagail iomadh dùthcha bochd, ’us trioblaideach, ’us gle iomaguineach. CONA. Tha càirdeas mor air a nochdadh do Bhreatuinn anns na Stàitean air a’ bhliadhna so. Bha latha-breith na Ban-righ’nn air a chumail ann am moran de na bailtean, agus bha na Geancaich a’ deanamh a cheart uiread othail riuthasan a fhuair an àrach ann am Breatuinn. ’S bochd nach tigeadh an da dhùthaich gu bhi cho càirdeil ’s gu’n rachadh aca air gach aimhreit a tha eadar na Stàitean us Canada a thoirt gu crich, ach tha e coltach nach eil sin gu bhith. Tha muinntir nan Staitean air son a chuid a’s fhearr fhaotainn anns gach ni, agus nuair nach toir Canada sin dhaibh, theid iad a ghearan ri Breatuinn. Sin mar a tha iad a deanamh an dràsda a thaobh nan cùisean a bha air beulaobh na h-ard-chomhairle a bha ’na suidhe ann an Cuebec ’s an Washington an uiridh. A reir coltais cha toilich sion iad ach Canada a bhi riaraichte leis na thogras iadsan a thoirt dhith. “Tha ’bhriogais so tuille ’s goirid air mo shonsa,” ars’ fear a fhuair briogais o thailleir Eirionnach. “Ciod an sgil a th’agadsa air briogais, amadain?” ars ’n t-Fironnach. “Cha’n ’eil a bhriogais tuile ’s goirid; ’s ann chuir thusa do spògan grannda chas tuile ’s fada troimhpe.” [Dealbh] CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C—Tha, am fear a tha deanamh gach cuisean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin; agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B [TD 349] [Vol. 7. No. 44. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh fear Padruig Caimbeul, a mhuinntir French Vale, a thoirt do ’n tigh-chaothaich feasgar Di-luain. Bha e ’g obair anns a Mheinn a Tuath nuair a chaidh e as a rian. Thainig fear Alasdair Domhnullach dhachaidh do Hogamah, o chionn ghoirid, an deigh dha a bhi air falbh fad shia bliadhn’ deug. Bha e pairt dhe’n uine sin anns a Chlondaic, agus tha iad ag radh gu bheil aige de chuid an t-saoghail so na chumas e gu sona seasgair fhad ’s is beo e. Tha sinn duilich gu bheil an t-Urr. I. F. Forbes gun chomas searmonachaidh fhathast, tha e ann an deagh shlàinte, ach tha a ghuth lag, agus tha na dotairean a bacail dha ionnsuidh sam bith a thoirt air labhairt. Tha an t-Urr. Domhnull Mac Odrum ri searmonachadh na àite air an t-Sàbaid s’a tighinn. Air an da Shabaid mu dheireadh shearmonaich an t-Urr. F. C. Simpson. Bha Mr. Simpson a searmonachadh an so roimhe, a dheich bliadhna ’n t-samhraidh so, ’nuair a bha an t-Urr. Alasdair Mac Fhearchair, nach maireann, air chuairt an Alba. Bha teine mor anns a choille air cul na Shipyard Di-satharna s’a chaidh. Bha an soirbheas gu math laidir, a seideadh an teine dh’ ionnsuidh a bhaile, agus bha e cunnartach gu ’m biodh call mor air a dheanamh, ach fhuaireadh casg a chur air mu ’n d’ thainig e ro-fhada nuas, agus nuair a thionndaidh a ghaoth, chaidh e as gu buileach. Greimich an teine air sabhal “Sherwood” agus air tigh Chaiptein Mhic Neill, ach fhuaireadh a chur as gun e call sam bith a dheanamh. Cha’n ’eil an t-ard-riaghladh an deigh so a dol a thoirt cuideachadh sam bith do na Galicians a tha tighinn do’n duthaich; tha na h-uiread diubh tighinn ’s nach eilear a meas gu leigear a leas tathunn sam bith a dheanamh orra. A reir barail iomadh neach tha tuilleadh s’a choir dhiubh anns an duthaich cheana. Is coir do’n Riaghladh a bhi gle fhaicilleach a thaobh ciod a ghne dhaoine do’n toir iad cuideachadh a’ tighinn do’n duthaich. Cha’n urrainnear sluagh sam bith a dhunadh a mach gu buileach, ach cha bhiodh e iomchuidh cuideachadh a thoirt do shluagh sam bith ach dhaibhsan a tha iad cinnteach a bhios ’nan daoine feumail riaghailteach nuair a ghabhas iad comhnuidh ’nar measg. Chaidh ceathrar de dhaoin’ og a bhaile so a thoirt gu cuirt air an t-seachdain s’a chaidh air son a bhi ruith tuilleadh us luath leis na rothairean, agus chaidh cain, da dholair am fear, a chur orra. Cha ’n eil teagamh nach robh sin ceart gu leor a dheanamh, oir tha e cunnartach a bhi ruith nam cuidhleachan ro-luah; ach shaoileamaid gu’m bu choir laghannan eile bhi air an cumail a cheart cho math, agus iadsan a tha ’gam bristeadh a bhi air am peanaisteachadh. Tha suas ri deich air fhichead do thaighean-oil ann an Sidni, a creic stuth laidir an aghaidh an lagha, agus ged a tha deagh fhios aig luchd-dreuchd a’ bhaile air sin cha ’n eil iad a toirt oidhearp sam bith air casg a chur orra. Tha ceann-feadhna nan Innseanach (mic-macs) ann an Nova Scotia a deanamh a dhachaidh ann aite ris an canar Half Way River an siorrachd Cumberland. ’Se Logan is ainm dha agus chaill e a bhean o chionn ghoirid. Bhuineadh i do threibh na Mohawks, agus bha i ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Thoisicheadh air cladhach as ur air son guail ann am Port Morien air an t-seachdain s’a chaidh. Tha mu choig duine fichead ag obair, agus cho luath ’sa ruigear an gual, toisichear air a chur a mach. A reir coltais, tha a chuideachd aig am bheil a mheinn a dol ’ga cur air adhart gun teagamh sam bith, agus tha sin na sgeul math do mhuinntir an aite. Cha’n eil aig na Frangaich ann an Newfoundland am bliadhna ach sia factoridhean ghiomach far an robh tri deug aca ’n uiridh. Eadar iasgach nan giomach ’s an truisg, cha’n eil ach gann ceithir cheud dhiubh timchioll nan cladaichean sin air an t-samhradh so, an aireamh bu lugha bha ann dhiubh riamh o’n thoisich iad air tigh’nn ann an toiseach. Tha e soilleir nach ’eil an coraichean air cladaichean Newfoundland a chum moran prothaid dhaibh, agus nach eil a toirt orra bha ’gan seasamh cho dion ach an diorras. Bha teine mor ann am baile St. John, N. B., seachdain gus an de, leis an robh ceud gu leth tigh air an losgadh. Bha an teine ann an earrann de ’n bhaile a bha air aiteach le daoine dubha, agus cha robh anns a chuid bu mhotha de na taighean ach togalaichean fiodha; bha gaoth laidir ann, agus sgaoil an teine gu bras. Bha aon bhoirionnach air a losgadh gus bas, seana bhean, ceithir fichead bliadhna dh’ aois, a dhiult an tigh anns an robh i fhagail; agus chaidh te eile a cochall a cridhe leis an eagal. Tha call nan taighean ’s an innsridh a bha ’nam broinn air a mheas aig $500,000; bha $300,000 de dh’ airgead-cinnteachaidh orra. Tha mu cheithir cheud de’n t-sluagh a nise gun dachaidh agus tha muinntir a bhaile a’ gabhail curam dhiubh. Bha coinneamh cleire ann an Louisburg Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, aig an robh an t-Urr. L. A. Mac-Gilleain air a phosadh ri eaglais a bhaile sin air son bliadhna. Bha gairm o choithional Marion Bridge do ’n Urr. Domhnull Mac Odrum, air a chur fa dhomhair na cleire. Ghabh Mr. Mac Odrum ris a ghairm, agus tha e ri bhi air a shuidheachadh anns a choithional air an t-siathamh latha dhe ’n mhios. Tha an t-Urr. Uilleam Grannd, Port Morien, an deigh gabhail ris a ghairm e fhuair e o choithional Ghrand River; bha e air a shuidheachadh ann an de. Bha Mr. Grannd ann am Port Morien o chionn iomadh bliadhna, a saoithreachadh le mor-thaitneas do ’n t-sluagh, aig am bi ionndrain mhor air, ach tha am baile air a dhol air ais cho mor o chionn bliadhna no dha ’s nach eil e comasach dhaibh ministeir a chumail. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Bidh aireamh mhor de charbadan ur a stigh againn mu mheadhain Maigh—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 350] [Vol. 7. No. 44. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 347.) borobair an ceann na h-obrach an am a bhith ’toirt a’ chnaimh a amhach an amadain leis an turcais. Agus a dh’ aindeoin na bha de choireannan ’s a’ bhorobair, thug an obair sgiobalata a rinn e, air gach aon aca gu’n robh meas gu leor aca air. Bha aoibhneas anabarrach mor air an righ, agus dh’ ordaich e gu’m biodh eachdraidh an amadain chrotaich, agus eachdraidh a’ bhorobair air an sgriobhadh a chum gu ’m biodh iad air an cumail air chuimhne gu brath. Agus cha do stad e aige so; ach, a chum gu’m biodh cuimhne aig an taillear, aig an doctair Iudhach, aig a’ mharsanta, agus an fhear-solair air na driodartan a thainig ’nan rathad air saillibh mar a thachair do ’n amadan chrotach, thug e dhaibh deise riomhach am fear, agus thug e orra na deiseachan a chur umpa ’na lathair fhein. Thug e saor-dhuais do ’n bhorobair, agus bha e ’fuireach anns an luchairt fhad ’s bu bheo e. (A chrioch.) LATHA MOB AN AGAINISH! LE DONULL MAC CALLUM. ’Nuair a fhuair Lady Myshrym an t-airgid mòr a thiomainn a céile Lord Myshrym dhith bha strìth mhòr a measg nan uachdaran ’s nan luchd-seilg mu’n cuairt co aca ’bheireadh dhith an tìodhlac a bu luachmhòra ’s a b’ fheàrr chòrdadh rithe. Thug Mac Rain of Mac Rain dhith léine luiteagach, nam b’ fhior, a bh’ aig Prionnsa Tearlach. Thug The MacDodo dhith a dhealbh féin, mar Napoleon, ann an glasaig òir. Thug Sir Harold Tripod dhith an gunna bu daoire ’bha ri fhaotainn ann an Sasann. Ach mur b’e tìodhlac Chaptain Goblets—cead fiadh mòr (royal), a bha e reamhrachadh air coirc’ ’us sneupan, a mharbhadh—a bu luachmhora is e bu mhotha thaitinn ris a bhantraich mhòir i féin. Gu meudachadh greadhnachais an là air an robh Lady Myshrym gus am fiadh a mharbhadh rìnn Captain Gobletts ullachadh mòr. A dh’ fhaicinn bàs an fhèidh, fo làmh na bantraich mhòir, leis a ghunna thug Sir Harold Tripod dhith, agus gu bhi gabhail de’n chuirm a bhiodh aca na dheigh, thug an Captain cuireadh do gach uachdran agus fear-seilg mu’n cuairt. Air maduinn an là mhòir sin thug Captain Gobhlets òrdadh d’a chuid ghillean an fiadh—Sir Roger—a thoirt air falbh, fada o’n chaisteal, far an robh e aca g’a reamhrachadh, gu Gleann-Gorm fo Bheinn-a-Chladaich, agus gun iad a ghabhail orra gu’n robh fios aca c’àit’ an robh e. ’Nuair a thill na gillean thog an Captain air air ceann nan uaislean air toir an fhéidh. Ach mu’n do dheònaich e an toirt gu Beinn-a’-Chladaich far am faiceadh iad Sir Roger, thug e iad thar ioma mona garbh agus lòn bhog, a chum ’s gu’n deanadh iad gàirdeachas ’nuair a chitheadh iad e. Greis mhath mu’n tug e iad an sealladh an fheidh thug e air na h-uaislean ’s air na gillean falbh air an glùinibh (“stalking”). Cha’n fhaodadh iad urrad agus an stròn a shèideadh, air eagal agus, na’m b’fhìor, gu’n faireachadh Sir Roger iad agus gu’n teicheadh e! (Bha Sir Roger bochd cho solta ri uan!) Mu dheireadh thall air Beinn-a-Chladaich fhuair iad sealladh air Sir Roger ’s e ’g ionaltradh, gu socair, anns a’ Ghleann Ghorm, gu h-ìosal fopa. Shochdraich a’ bhanntrach mhòr an gunna, gu losgadh air, ach mu’n d’ fhuair i sin a dheanadh, leig neach èiginn, os a ceann, ’s bheinn, urchair agus thuit am fiadh! Dh’ èirich a’ chuideachd uile a dheanadh gréim air an fhearr a mharbh Sir Roger, ach cha robh duine ri fhaicinn. Air bèinn eile, chunnaic iad cailleach a sméideadh riu. ’Nuair a ràinig iad i so, cha’n fhaidheadh iad facal uaipe ach, le comharan, stiùir i iad gu uamh, ann am béinn, f’an comhair. Ràinig iad sin ach cha d’ fhuair iad neach an sin. ’Nuair a thill iad cha d’ fhuair iad lorg, aon chuid air an fhiadh, no air a chaillich. Cha robh ac’ ach tilleachd dhachaidh mar a dh’fhalbh iad. Ach ’s ann air slighe mòran a bu ghiorra na’n te air an d’ fhalbh iad. Cha robh ac’ air ach gamhainn a mharbhadh, an àit’ an fheidh, air son na cuirm. A dheanadh a suas air son a bhriste-dùil a fhuair i, thug an Captain cead do’n bhantraich mhòir peileir a leigeil ris a ghamhainn a roghnaich e. Ann a bhi faicinn cho glan ’s a dh’amais i e thog na gillean agus na h-uaislean iolach a dhùisg à shuain Mactala, agus bha latha mòr an Againish! Bha reisimeid ann an aon do dh-Innsean na h-àirde ’n iar; bha mòran do na daoine ’bàsachadh, agus cha mhòr gu’m b’ fheàrr na h-oifigich. An deigh do’n iarmad tighinn dachaidh, bha duin’-uasal a choinnich aon do na saighdearan, a feòraich ciod bu choireach ris na daoine bhi ’siubhal co lionmhor. “Se bhi ’g òl a ‘rum ur’ a bha ’gam marbhadh,” ars ’n saighdear. “Creididh mi sin mu na daoine,” ars’n duin-uasal; “ach cha’n urrainn e bhith gu’n robh na h-oifigeach ag òl an rum ùr!” “Cha robh idir, le’r cead,” ars’n saighdear; “’se ’n ‘seann rum’ a chuir as do na h-oifigich.” Thachair do mhinisteir stòlda, agus oifigeach òg coinneachadh, agus a bhi seanchas, agus mu dheireadh, thainig an seanchas gu car beag connsuchaidh. Bha’n t-oifigeach ag at le feirg; agus mar thàmailt do’n mhinisteir, thuirt e ris—“Nam biodh do mhi-fhortan orm gu’m biodh ùmpaidh mic agam nach b’urrainn ni eile dheanamh, gu cinnteach dheanain ministeir dhe.” “Cha robh t-iathair-sa ’san aon bharail riut,” arsa ’n ministeir, gu socrach. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. H. D. MAC ILLE-MHAOIL Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 351] [Vol. 7. No. 44. p. 7] IAIN MAC-AN-FHLEISDEIR, EASBUIG ROIS. B’e Iain Mac-an-fhleisdeir comhairleach-rioghachd agus seanachaidh comharraichte a ghabh gu dichiollach taobh Mairi ban-righ nan Albannach, agus rugadh e air an 29mh la dhe’n mhios Sultuine, 1526. Chaidh fhoghlum airson seirbhis na h-eaglaise, agus air a 15mh la dhe’n òg-mhios, 1546, fhuair e àite anns a’ chathair easbuig aig Abareadhain. Chaidh e do’n Fhraing an 1549, agus dh’ionnsaich e gnothaichean nan lagha an caochladh àiteachan. Fhuair e òrdugh bho’n bhan-righ a thilleadh an 1554, agus anns a’ mhios Liunasdail 1558 chaidh a dheanamh na ard-bhios car air sgireachd-easbuig Abareadhain. ’Nuair a thainig aimhreitean an ath-leasachaidh air Albainn, ghabh esan taobh Eaglais na Roimhe, agus bha deasboireachd mu ghnothaichean na h-eaglais sin eadar e fhein agus Iain Nocs, ann an 1560. An deigh bàs Righ Fraing II na Frainge, fhuair e misneach bho a luchd-chreidimh a dhol do’n Fhraing a dh’ iarraidh air Màiri, a’ bhan-righ, tighinn do Albainn. Chaidh e air bòrd luinge am measg luchd-leanmhuinn Màiri aig Calais 19 mh la dhe ’n Liunasdail 1561, agus nuair a ràinig i Albainn bha e air a dheanamh ’na aon dhe na comhairlich aice. Beagan an deigh seo fhuair e a bhi na Abba Lindores, agus nuair a shiubhail Mac-na-ceardaich, easbuig Rois, ’sa’ cheud mhios dhe’n bhliadhna 1565, fhuair e ’àit. Lean e a’ bhan-righ nuair a theich i gu Sasunn, agus bha e air a dheanamh na phriosanach an Sasunn am mios Ceitein 1571, ach air iarrtus Righ na Frainge fhuair e fa sgaoil anns a’ cheud mhios 1574. Chaidh a thilgeil am priosain a rithist ’sa Gearmailt an 1578, nuair a bha e ’san duthaich sin a feuchainn a chàirdean fhaotainn a chuideachadh a bhana-mhaighstir rioghail. Rinneadh e ’na easbuig Coutances ann an Normandaidh Iosal an 1593, ach dh’ fhàg e gnothaichean an t-saoghail beagan an deigh sin, agus chaidh e do thaigh-manach aig Guirtenburg, faisg air Brusels far an do chaochail e. Seann Chleas. Shuidheadh grunnan de dh’ oigridh nan cuairt air an lar, agus aon eile na sheasamh ’san teis-meadhon. Bha ’m fear sin le slait ’na laimh a tomhadh ris gach neach a bhiodh ’sa chuairt agus a’ gabhail an duain so:— “Inntran beag, anntran beag; cioba cubha, cioba cadha; da mhiar Neill ’ic Iain; Dughall glas a leigeil as; ceann a chaola caola slaite; iad thall na coise deise; buail a stigh na stoc.” Am fear air an tigeadh am facal “stoc,” bha aige ri eiridh agus a dhol an aite ’n fhir a bha ’na sheasamh; ’s shuidheadh am fear sin aite-san. Fhuair mi an cleas agus an rann o neach a chunnaic air a chluich e ann an Ontario an laithean ’oige. Theagamh nach eil an rann aige uile gu leir mar bu choir dha bhith. Mur eil, dh’ fhaoidte gu bheil cuid-eigin de leughadairean MHIC-TALLA a chuireas ceart e. E. Am Feillire. IUN, 1899. 1 Dior-daoin Là Dhruimelog, 1679. 2 Di-haoine 3 Di-satharna Breith Thormoid oig Mhic Leòid, 1812. 4 DI-DONAICH II. Donaich na Caingis. 5 Di-luain 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart Brùs 1329 8 Dior-daoin 9 Di-haoine An fhéill Chaluim. 10 Di-satharna Là Ghlinn Seile, 1719. 11 DI-DONAICH III. Donaich na Caingis. 12 Di-luain 13 Di-mairt An Fhéill Chairill. 14 Di-ciaduin Là Naseby, 1645. 15 Dior-daoin 16 Di-haoine 17 Di-satharna Là Raon-Ruairidh, 1689. 18 DI-DONAICH IV Donaich na Caingis. 19 Di-luain [18] Là Bhaterloo, 1815. 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin An là a’s fhaide ’sa bhliadhna 22 Dior-daoin 23 Di-haoine An Fhéill Mhath-Luthaig. 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH V. Donaich na Caingis. 26 Di-luain 27 Di-mairt Bàs Righ Deorsa IV., 1830. 28 Di-ciaduin Crùnadh na Banrigh, 1838. 29 Dior-daoin An Fhéil Pheadair ’us Pòil. 30 Di-haoine Bàs Eoghain-na-Pillidh, 1817 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 8, U. 2, M. 6 M A’ Cheud Chairteal L. 16, U. 5, M. 32 M An Solus Lan, L. 23, U. 10, M. 6 M An Cairteal mu dheireadh L. 30, U. 0, M. 31 M [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air-son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99.—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichean fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Iarr air na Marsantan EDDY’S “EAGLE” Parlor Matches 200s. “EAGLE” Parlor Matches 100s. “VICTORIA” Parlor Matches 65s. “LITTLE COMET” Parlor Matches AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL. GUN SRAD PRONNAISG. The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 352] [Vol. 7. No. 44. p. 8] UAMH HUNGA. Tha uamh ann an eilean Hoonga, aon do na h-eileanan àillidh tha ann an cuan mòr sìochail na h-airde deas, agus cha’n ’eil dòigh air dol a stigh do’n uaimh so, ach le snàmh fo’n uisge agus an sin eiridh suas do’n uaimh. Fhuarus a mach an uamh so le ceann feadhna òg a bha anns an eilein so. Bha e, mar tha muinntir an àite, ro theòm air an t-shnàmh. Thachair dha bhi aon latha ’mach air an fhairge ag iasgach no a’ glacadh seòrs’ èisg rìs an canar Turtur. Chaidh an t-iasg so fodha, agus lean a t-òganach e a stigh troimh fhosgladh farsuing a bha anns a’ chraig fo’n fhairge. Thainig an t-iasg an uachdar anns an uaimh mhòr fharsuing a bha ’fosgladh gu h-ìosal fo’n t-sàile, agus thainig an t-iasgair òg an uachdar san àite cheudna as a dhèigh. Ach ciod an t-ioghnadh a bh’air e féin fhaotainn ann an talla ard farsuinn anns am faodadh loingeas snàimh, agus seòmraichean mu’n cuairt do’n àite, bha farsuinn seasgair, air an cleith o’n t-saoghal, anns am faodadh na ciadan iad féin fhalach! Cha robh an uamh uile gu lèir dorcha, do bhrigh gu’n robh tuill agus fosglaidhnean an sud ’s an so, am measg nan creag, a bha a’ leigeil a stigh soluis, agus a bha mar uinneagan aig an talla mhór so; tuill agus fosglaidhnean anns an robh na miltean do dh’eoin a faotainn fasgaidh, agus a’ togail an alach oig. An deigh do’n òganach dlùth-bheachdachadh air an àit iongantach agus dhìomhair so, ghrad thùm e fo’n fhairge, agus shnàmh e fo’n uisge gus an d’ràinig e’n tràigh o’n d’fhalbh e. Thainig e mu’n curirt ’na dheigh so, gu’n robh cogadh fiulteach san eilean so, anns an d’fhuair aon fhine buaidh air fineadh eile. An lorg so bha teaglach a’ chinn-fheadhna chuireadh fo cheannsachadh air an diteadh gu bàs piantail doruinneach. Bha aig an fhear so nighean aillidh eireachdail; agus bha’n ceann feadhna òg mu’n robh sinn a’ labhairt, agus a fhuair a mach an uamh, a call a chridhe an gaol air an òigh so, a bha nis maille r’a h-athair fo bhinn bàis. Chuir e roimhe a dheòin no dh’aindeoin a teasairginn. Theich i leis oidhch’ àraid a dh’ionnsuidh na tràghad, léum iad a stigh do sgoth aotruim, agus dh’iomair iad ’ionnsuidh an àit’ anns an robh an uamh. Dh’ innis e dhi mu’n àite, nach b’urrainn na bha beò a leantainn, leis mar bha e air a chleith o’n t-saoghal. Tha na mnathan san àit so cho teòm air an t-shnàmh ris na fir, agus faodar a ràdh gur maighdeannan-mara gach aon diubh. Nuair a rainig iad an t-àite, leum iad le chèile mach as an sgoth, thum iad fo’n fhairge mar dheanadh ròn ’s a chuilein, agus dh’eirich iad suas a rithist ann an uaimh! Chàirich e a leannan ann an seòmar a stigh san uaimh, thug e o àm gu h-àm biadh g’a h-ionnnsuidh do gach seòrsa, aodach, agus an ola bu chubhruidh boladh, agus gach ni a b’ urra’ dhi iarraidh. Cho’ aontaich i ’phosadh, ghleidh e san àite sin i gun uiread amharus a bhi aig duine san eilein cìod a dh’èirich dhi, no c’àit an robh i! Chuir an ceann-feadhna òg roimhe an t-eilein so fhàgail, e féin ’s a theaghlach, ’s a dhaoine, agus dol imrich do dh’ eilein eile. Dh’ uidheamaich iad an cuid sgothan—thog iad air falbh o’n tràigh. Bha esan san sgoth-thoisich agus an cabhlach beag ga leantainn. Stiùr e dh’ionnsuidh an àit’ anns an robh an uamh agus a leannan. ’Nuair bha e fa chomhair an àite, ghairm e air sgiobha nan sgothan uile tighinn, dlùth, chruinnich iad mu’n cuairt da, dh’èirich e suas ’nan làthair, agus mar so labhair e r’a dhaoine. “Tha sinn” ars’ esan “a’ fàgail tìr ar n-òige, an tir anns an d’ rugadh sinn, agus tìr nan daoine bho’n d’ thàinig sinn. Tha gach ni,” ars’ esan, “mar a b’ àill leam; buannaichidh sinn dhuinn féin tìr eile fada bho ’r naimhdean, ach” ars’ esan “tha aon nì fhathast a dh’ easbhuidh ormsa; bu mhiann leam bean a thoirt leam a rugadh an an eil-Hoonga. Fuirgheadh sibhse an so tiota beag gus an téid mise air tòir ban-righinn òg a bheir mi leam,” le so léum e mach as an sgoth agus thum fo’n fhairge as an t-sealladh! Cha robh dùil aca gum faiceadh iad an ceann-feadhna tuilleadh, ach mar a bha iad a’ call an dòchais, dh’ éirich e mach as an fhairge le a leannan àillidh maille ris! Thog iad iòlach àrd ghairdeachais; dh’ aithnich iad a’ mhaighdeann òg—chuireadh a mach na raimh—thog iad iorram an dùthcha—agus ann an uine ghoirid bha eilean àillidh Hoonga as an t-shealladh. C. N. G. DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL, ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO. 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. THA DROCH ANAIL MI-THAITNEACH. Tha géireachd, losgadh-bràghaid, gaotharachd, agus meuran eile de CHION-CNAMHAIDH a deanamh iomadh neach mi-shona. Bheir K. D. C., agus K. D. C. Pills an anail gu bhi mar is còir dha bhi, agus leighsidh iad cion-cnamhaidh, ’s gach seòrsa tinneas-stamaig. AIR AN DEAGH MHOLADH. Sampuill a Nasguidh. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. [TD 353] [Vol. 7. No. 45. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 9, 1899. NO. 45. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXVII. NITHEAN A CHUIDICH LEAM. Is docha gu’n abair cuid dhe na leughas an sgeula so, nach urrainn daibh a thuigsinn ciod an co-cheangal a tha eadar a bhith ’deanamh fortain, agus a bhith ’g eisdeachd dhuan is sgeulachdan. Ach their mise riutha, gu’m bheil iomadh rud a tachairt anns an t-saoghal nach urrainn iadsan no mise thuigsinn. Air eagal gu ’n abair iad nach b’urrainn domh solus a chur air a cheisd so, their mi riutha gur e bhith fritheilteach aig an uair a bha ’bhuth air a fosgladh an rud a thug air mo mhaighstir maideachadh ormsa gus mo chur do na h-Innsibh an Iar. Re nan coig bliadhna a bha mi ’nam ghille-bùthadh ann an Glasacho, cha robh mi latha riamh gun a bhith beagan mhionaidean a’ feitheamh gus am biodh dorus na bùthadh air fhosgladh. An latha thill mo mhaighstir dhachaidh mi, agus mi gle thinn, bha mi cho trath aig dorus na bùthadh ’sa b’ abhaist dhomh. Ged nach robh mise ’smaointean air dad ach gu ’m b’e mo dhleasdanas a bhith aig m’ obair anns an àm a gheall mi, bha mo mhaighstir a’ gabhail beachd air cho pongail ’s a bha mi aig m’ obair, agus dh’ aithnich e gu’m faodadh e gach gnothach a bhuineadh dha, agus a b’ aithne dhomhsa dheanamh, earbsadh rium. O nach robh fhios agam co mhionaid a dh’ fhaodadh a bhith dhomhsa ’na mionaid fhortanaich, smaoinich mi gu’m b’e mo ghliocas feuchainn cho math ’sa b’ urrainn domh ri feum a dheanamh dhe na h-uile mionaid. Ach, mar is minic a dh’ eirich do dh’ iomadh fear a bharrachd orm, rinn mi uair is uair dearmad air mo dhleasdanas, cha b’ ann leis an leisge, ach le cion toirt fa near. A bharrachd air a bhith aig an obair air an uair, bha e gle mhòr ’nam fhabhar, gu ’n robh foighidin mhath agam ris gach aon a bhiodh a’ ceannach rud uam. B’e ordugh a mhaighstir sinn a bhith uile anabarrach foighidneach. Ach bha fear is fear dhe na gillean-buthadh eile nach robh a leith cho foighidneach ’s bu chòir dhaibh Is ainneamh rud a’s deuchainniche air foighidin duine na ’n obair a tha gu tric a’ dol air aghart anns a’ h-uile buthaidh, ach buth ainneamh. Theid daoine steach aig nach bi fios ro mhath ciod a tha iad a’ dol a cheannach; agus cha’n e so a mhain, ach theid cuid a steach aig nach bi dùil ni sam bith a cheannach. Feumar, ma dh’fhaoidte, naoi no deich de sheorsachan bathair a chur air a chuntair air am beulaobh. Agus an uair a sheallas iad air gach seorsa dhiubh, agus a dh’ fheoraicheas iad a phris, gu math tric their iad nach ’eil iad a’ dol a cheannach dad aig an am, ach gu’m faod e bhith gu ’n tig iad a steach a rithist am feasgar sin fhein, ar neo anns a’ mhadainn am màireach. Cha bhi aig a’ ghille-bhuthadh an uair sin, ma tha toil aige a dhleasdanas a dheanamh, ach feuchainn ri cumail air fhein cho math ’s a theid aige air, agus a bhith cho aoidheil ’s cho siobhalta ’s ged a bhiodh e an deigh am bathar a reic. Ged nach ceannaichear dad, is docha gu ’n toir am modh a nochdas na gillean-buthadh do gach neach a theid a steach gun mhoran gnothaich, air cuid dhiubh tilleadh air ais an ùine gun bhith fada. ’Na dheigh sin bidh aig a’ ghille-bhuthadh ris a’ bhathar a phasgadh agus a chur gu curamach ’na aite fhein. Agus, ma dh’ fhaoidte, nach bi an ùine fada gus am bi aige ri thoirt a pasgadh a rithist, agus a phasgadh an dara uair gun fiach gròt dheth a reic. Cha ghabh e innseadh an dragh a tha iomadh fear is te a’ cur air marsantan ’s air gillean-buthadh eadar da cheann na bliadhna, gun dad air a shon. Dh’ fheumadh a’ chuid a’s mo de shluagh an t-saoghail a bhith aig iomadh àm cho foighidneach agus cho dichiollach ’s a bha’n te a rinn na tri leintean de chanach an t-sleibhe, a chum gu’n togadh i na geasan bhar mac an righ. A h-uile fear leis an aill fortan a dheanamh, no eadhoin a dhol troimh chursa na beatha so le sith, le tlachd ’s le ciataibh, is e a dhleasdanas feum a dheanamh dhe gach mionaid de’n ùine, agus a bhith gu foighidneach, ciùin, siobhalta, suairce, caoimhneil, cridheil, càirdeil ris gach nach. Cha’n eil so a’ ciallachadh gur còir do dhuine e fhein a chur anns an aon t-suidheachadh ris gach neach a thachras, no a bhios a’ deanamh gnothaich ris. Is ann leis na deagh bheusan so a dh’ ainmich mi a chumail ann an cleachdadh is toilichte a bhios duine dheth fhein air a’ cheann mu dheireadh, agus is toilichte a bhios a h-uile duine eile dheth. Cha robh agus cha bhi tlachd aig neach sam bith dhe ’n mhuinntir a bhios neo-fhoighidneach, greannach, crosda, frithir, iargalta, aingealta, agus cho cas ri cat ann an càrn, mur bi gach ni ’s gach neach ris am bi gnothach aca a’ tighinn a reir am miann aig gach àm, agus anns gach àite. Thuirt mi gu’n robh mi ’feuchainn ri feum a dheanamh dhe gach mionaid, o nach robh fhios agam ciod a’ mhionaid a dh’ fhaodadh a bhith dhomh ’na mionaid fhortanaich. Ach o’n a rinn mi nithean leis an aineolas nach comhairlichinn do dhuine sam bith eile a dheanamh, feumaidh mi gach aon—gu h-araidh na daoin’ òga—a chur nam faireachadh, air eagal gun tuit iad anns na mearachdan anns an do thuit mi fhein. Dh’innis mi mar tha gu’n do thuit mi ann an tinneas trom a theab mo chur do ’n t-siorruidheachd roimh ’n àm. Bha dà mhathair-aobhair aig an tinneas ud. Fhuair mi fuachd ’nam shuidhe ann an seomar mòr farsuinn anns nach biodh srad theine ach uair gle ainneamh. So aon mhathair-aobhair; ach mur biodh ann ach so, is docha nach robh mi air na bu mhiosa de thinneas fhaotainn na droch cnatan. Ach is e dh’ fhoghainn domh buileach, glan, mar a chuir mi mi-fhein troimh a cheile le tuilleadh ’s a’ choir de dhlùth-leughadh, agus de shireadh air iomadh seorsa eolais air an robh mi ’g am fhaicinn fhein gle fheumach. Bha mi mar gu ’m faiceadh tu duine a bhiodh cho dian thun an t-saoghail ’s nach dùirigeadh e uiread is norradh dhe’n chadal a dheanamh. Ach an àite gleidheadh air an obair a bh’agam, is ann a chaill mi gu mòr air a shaillibh. Le beagan làithean de dh’ obair chruaidh aig sgrìobhadh ’s aig leughadh ’s aig cunntais, thug mi tinneas orm fhein a chum a ceithir no còig a mhiosan mi gun uiread is aon leabhar a leughadh. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh, “Is e luathair a’s fhaisge ’mhaille.” Ach na h-uile leis an aill fiosrachadh is eolas fhaotainn, is e mo chomhairle-sa dhaibh gabhail le riaghailt obrach. Tha moran leughaidh ’na sgìos do ’n fheòil. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Cha deanar duine glic ach air a chosg fhein;” agus air mo chosg fhein thuig mise gu’m b’e mo ghliocas cho math ri mo bhuannachd gabhail le riaghailt obrach. Tha iomadh neach an dùil gur e an dòigh air foghlum fhaotainn, a bhith sior leughadh leabhraichean, agus gu ’m bheil iad a’ cur call mòr orra fhein ma ghabhas iad fois uair no dà uair. Ach dh’ fhaodadh duine sam bith a thuigsinn nach ’eil an dòigh so nàdarra, agus air an aobhar sin, nach urrainn gu’m bheil i ceart. An àite calldachd fhulang le fois a ghabhail, is ann a bhuanaicheas daoine air. Nach ’eil an talamh a’ gabhail fois? Faodar a radh nach ’eil a’ bheag sam bith a’ fàs ’n ar duthaich-ne o thoiseach a’ gheamhraidh gus am bi e dlùth air leith an earraich. Tha ’n talamh ’na chadal, agus a’ cruinneachadh neirt anns an ùine sin; agus tha e ’cur a neirt ann an geill an uair a thig an t-àm iomchuidh. Tha na mionaidean a chaitheas daoine ’nan suidhe an uair a tha iad a’ leigeadh an analach, a cheart cho feumail dhaibh ris na mionaidean a’s trainge a dh’ oibhricheas iad. Mar an ceudna, tha riaghailt dhe’n chadal a’ cur na h-obrach air aghart a cheart cho math ri bhith gu trang aig an obair. Nach d’ òrdaich an Cruithfhear beannaichte gu’m biodh gach seachdamh latha ’na latha air am biodh daoine ’gabhail fois o oibribh an t-saoghail so?” Agus am fear a tha cho dian thun an t-saoghail ’s nach gabh e fois air Di-domhnaich, tha e ’deanamh mòran uilc air fhein, a bharrachd air a bhith peacachadh an aghaidh Dhe. Mar a tha ’n duine glic ag radh, tha àm ann air son gach ni fo ’n ghrein. Deanadh gach duine an obair a bheirear dha ’na h-àm fhein, ma’s math leis faighinn air aghart anns an t-saoghal so, agus a bhith sona anns an ath shaoghal. Tha ni eile air tighinn fa chomhair m’ inntinn aig an àm so a dh’ fheumas mi ainmeachadh, agus ’s e sin, nach do chuir na bh’ agam de Ghailig call riamh orm. Is ann a chuidich na h’ agam de dh’ eòlas air a Ghàilig leam gu mor. Ach ged a tha so cho fior ’sa tha ’ghrian anns na speuran, tha mise ’creidsinn gu’m bheil iomadh fear an dùil gu’m biodh ’fhortan deante nam biodh e gun aon fhacal Gailig ’na cheann. A reir mo bharail-sa tha gach aon aig am bheil na beachdan so fada cearr. Ged a bhiodh ceann is inntinn duine cho làn de Bheurla ’s a tha’n t-ugh dhe’n bhiadh, cha dean e fortan gu brath mur bi e glic, cùramach, deanadach, dichiollach, dileas ’na sheirbhis, measail air fhein, modhail, iomchuidh ris gach duine, fìrinneach, onarach, agus gun chabhaig gu fàs beairteach. Ach mur gabh gach fear aig am bheil toil fortan a dheanamh an t-àm ceart air a dhol an dàil gach seirbhis a thig fa chomhair, faodaidh e bhith [TD 354] [Vol. 7. No. 45. p. 2] cinnteach nach teid cùisean leis gu math. Mur dean fear maorach fhad ’s a bhios an tràigh ann, cha dean e maorach idir. “Cha ’n fhan muir ri uallach, agus cha dean bean luath maorach.” Ach mu’n criochnaich mi na th’agam ri radh aig an àm so, feumaidh mi radh gu ’m bheil seòrsa dhaoine ann nach d’ rinn ’s nach dean fortan. Is iad sin daoine a tha fada ’nam barail fhein. Cha ghabh iad so comhairle o dhuine sam bith—cha b’ fhiach leotha. Tha iad an dùil gu’m bheil gliocas an domhain ’nan cinn fhein. A nis, mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Ge b’e nach gabh comhairle, gabhaidh e càm lorg.” Agus am fear a tha camacach ’na dhòighean, cha tig an latha ’s cha chian an tràth a ni e fortan. A dh’aindeoin cho glic ’s cho tuigseach ’s cho turail ’s gu’m bi duine, feumaidh e thoirt fa near gu’m bheil mòran nithean anns an t-saoghal air nach ’eil eòlas sam bith aige. Cha do thachair duine riamh rium aig nach robh eòlas air iomadh ni air an robh mi tur aineolach. Cha robh e riamh mar chleachdadh agam a bhith ’gabhail comhairle a h-uile duine a bheireadh comhairle orm. Nan deanainn so, dh’ fhaodainn falbh agus mo chuid aodaich agam air barr bata. Ma dh’ fhaoidteadh gu’n robh na comhairlean glé mhath; ach cha fhreagradh iad uile ormsa. “Cha fhreagair an cota glas cho math do na h-uile fear.” Ach bha mi ’feuchainn ri dheanamh mar a tha facal Dhé ag aithneadh, “Dearbhaibh na h-uile nithean, agus dlùth-leanaibh ris an ni a tha math.” (Ri leantuinn.) CALL GHAIG, Na Othaichear Dubh Bhail-a’-Chrodhain. Tha iad lionmhor fathast feadh na Gaidhealtachd a chuala iomradh air call Ghàig, agus Othaichear dubh Bhail’-a’-Chrodhain. Bha an call so iomraiteach ann an Baideanach, agus ann an iomadh cearn eile ’s an àm. Bha e ainmeil do bhrigh gu’n deach duine uasal, oifigeach airm agus ceathrar dhaoine eile a bha maille ris a chall ann an bothan seilge ann an frith Ghaig aig toiseach an ochd ceud deug. Fhuair an sgriobhaiche an sgeul a leanas roimhe so o’ shluagh aig an robh cuimhne air a chall mhuladach bha ’n so, agus dha ’m b’ aithne an t-Othaichear dubh mar theirte ris, sluagh aig an an robh cuimhne mhath air an Othaichear, agus air a chuid doighean feadh na duthcha, agus bheir e an sgeul do’n leughadair mar a bha e air aithris ’s an dùthaich. Rugadh an duine ainmeil so Iain Mac-a’-Phearsoin ann an Gleanntruim Baideanach ’sa bhliadhna 1724; bha e do theaghlach Phorais, teaghlach cho uasal ’s cho measail ’sa bha ann am Baideanach; b’e ainm athar Alastair Mac-a’-Phearsoin. ’Nuair a bha Iain na òganach ’se Iain-dubh Mac Alastair a theirte ris. An deigh dha fas suas thug e an t-arm air; ach co fhad ’s a bha e ’s an arm na de an tapadh a rinn e cha ’n eil iomradh again, ach dh’ eirich e gu dreuchd ceannard (captain). An deigh dha an t-arm fhagail agus tilleadh dhachaidh do dhuthaich fein, ghabh e Bail-a’-Chrodhain o’ Diuc Gordon, baile tuathanas a tha beagan suas air Ceannghiùsaich; an so chaidh e ri tuathanas agus tha iomradh again gu’n robh e na tuathanach math. Ach bha dreuchd eile air a laimh nach robh taitneach le sluagh na duthcha, bha ughdarras aige air daoine oga a thional air son an airm agus bha e ri so (recruiting) air son iomadh bliadhna, dha ’n reiseimeid ris an robh e fein ceangailte, an ceithir fichead ’sa dha (82nd). Tha atharrachadh mor air lagh an airm an diugh seach mar a bha e ’s an am ud. Cha téid duine a chur do’n arm an diugh an aghaidh a thoil, ach rachadh ’s an am ud, agus ’se so an doigh a bha aig an Othaichear dhubh, duine og ’s am bith dhe ’n gabhadh esan tlachd, mur gabhadh e airgiod an righ le thoil, dheanadh an t-Othaichear innleachd eigin air an t-airgiod a chur air gu’n fhios. Bhiodh an t-Othaichear dubh aig na h-uile cruinneachadh na feil a bhiodh ’s an duthaich feuchainn co a b’ urrainn dha cheangal air son an airm; fhrithealadh e na tighean osda agus na h-uile àite eile anns am biodh sluagh cruinn. Bha tigh-osda aig ceann drochaid Spe; bhiodh daoine oga a cruinneachadh ann air uairibh; thachair do’n Othaichear a bhi ann air feasgar araidh, na measg bha oganach a thaitinn ris an Othaichear, thug e drama do’n ghille og so, agus air dha a bhi cur na gloine ri bheul fhuair an t-Othaichear cothrom gu’n fhios air an tasdan a chur na phoca, agus an so bha e an sàs. Tha e air aithris air uaireigin eile gu’n do cheangail e ris an arm ministeir og a bha anns an duthaich leis an tasdan a thilgeadh air agus b’eigin do’n mhinisteir geileadh; ged a bha a mhàthair na bantrach a silleadh na ’n deur, cha ghabhadh an t Othaichear dubh diultadh, chuir e iomadh fear air falbh as an duthaich do’n arm air an dòigh so an aghaidh a thoil, cha robh baigh na truas aige ri neach air bith, bha e cruaidh aniochdmhor na dhoighean, ged a bha e measail aig uaislean na duthcha, cha robh e mar sin aig e mhor chuid do’n t-sluagh, bha iomadh mathair agus nighean a guidhe an mallach dha, bha e air radh nach robh eagal Dhe na duine air, agus gu’n thug e e-fein seachad gu iomlan dha’n droch aon. Bha an t-Othaichear dubh na dhuine tapaidh, laidir, foghainteach, agus na shealgair math, ged a bha e nis a fas na sheann dhuine ’s na bliadhnachan mu dheireadh, cha mhor a shiubhladh monadh cho tapaidh ris; bha cead sealg aige an aite air bith ach b’e frith Ghaig an t-aite bu roghnaichte leis. Thachair dha fein agus triuir dhaoine eile a mhuinntir an aite a bhi cur seachad oidhche gheamhraidh anns a bhothan sheilg ann an Gàig, a feitheamh gu dol a shealg air na h-aighean maduinn an ath latha; bha biadh agus deoch aca ’sa bhothan, ach uaireigin feadh na h-oidhche agus iad nan suidhe timchioll an teine, treis a seinn orain, ’g innse sgeulachdan, agus a’g ol lan na cuaich dhe Mac-na-braith, an dorus duinte ’s gun duil ri ni na neach gu dragh a chur orra, chualas an dorus ga bhualadh o’n taobh mach; thug na daoine suil ghruamach air a cheile le uamhas co a bhiodh aig an dorus, ach cha do ghluais neach diubh, ’s ann an tiota chaidh buile eile a thoirt do ’n dorus. Chuir so tuilleadh eagail orra, dh’ eirich an t-Othaichear fein gun fhacal a radh, chaidh e agus dh’fhosgail e an dorus, sheas e air an taobh a mach agus chualas e a comhradh ri neach eigin a mach; chaidh fear diubh Alastair Mac-a’-Phearsoin aig an robh tuilleadh misneach na càch gu samhach a dhiunnsuidh an dorus; co a chunnaic e a comhradh ris an Othaichear dhubh ach boc-gaibhre, beathach cho maiseach sa sheas riamh air a cheithir chosan, fear mor stiallach glas, a dha shuil nan lasair theine agus da adharc mhor dhubh air a lubadh null gu ghuailibh. Cha do sheas Alastair fada a g’ eisdeachd a chomhraidh a bha eadar an dithis, ach chuala e am boc gaibhre ag radh ris an Othaichear, gu feumadh e fein agus a chuid daoine tachairt risan ’sa cheart aite sin seachduinn o’n oidhche sin, gun robh e tighinn ga iarruidh. Gheall an t-Othaichear so do’n bhoc ghlas. Ghrad thill Alastair Mac-a-Phearsoin agus dh’ innis e do Mhac-Coinnich agus do Dhomhnal Mac-an-Toisich na chunnaic agus na chuala e. Ann an tiota thill an t-Othaichear a stigh, an aite bhi gu suilbheara sunndach mar a bha iad beagan roimhe so, sann a chaidh an oidhche a chur seachad gu muladach, cha robh facal ri radh ri cheile, bha e furasda fhaicinn air gnuis an Othaichear gu’n robh trioblaid eigin air inntinn. Ach ann ’sa mhaduinn thog na fir orra air son falbh dachaidh, dh’ innis iad do ’n Othaichear nach fanadh iad na b’ fhaide an Gàig, agus nach rachadh iad gu brath tuilleadh maille ris. Dh’ fhalbh iad dachaidh agus dh’ fhàg iad an t-Othaichear nan deigh, ach lean e iad dachaidh. Sgaoil an sgeul gu luath feadh na duthach, nach robh ni ’sa bhoc gaibhre ach Prionnsa rioghachd an dorchadais a bha cinnteach coinneachadh air an ath sheachduinn ris an Othaichear dhubh. Dh’ fhalbh gach sgeul a b’ oitheil na chéile feadh na duthcha, air chor gur gann a rachadh duine do Ghàig tuilleadh maille ris an Othaichear, na daoine a bha an Gaig air an turus ma dheireadh cha rachadh iad tuilleadh ann, ach fhuair an t-Othaichear ceathrar dhaoine eile gu dhol, Iain Mac-a’-Phearsoin, Domhnal Mac Ille-bhraigh, Dunncha Mac-Phearlain, agus Seumas Grannd, bha iad so deas air son dol do Ghaig. Thainig an latha a bha an t-Othaichear dubh s’a chuid daoine gu dol do fhrith Ghaig a shealg air na h-aighean air son sithionn a bhi aca aig an nollaig, air an turas nach do thill duine dhuibh beo a dh’ innse na sgeoil. Bha an Nollaig air a cumail an Baideanach ’s an am sin agus iomaidh bliadhna an dheigh air a chuigeamh latha do cheud mhios na bliadhna. Dh’ fhàg an t-othaichear dubh Bail-a’-Chrodhain air maduinn an latha mu dheireadh do ’n bhliadhna seachd ceud deug ceithir fichead ’s a naoi deug. Bha an t-Othaichear air eideadh ann an currachd do bhian bruic air a cheann, cota goirid glas air agus briogais ghlùine, luideag do bhreacan tìmchioll, a mhaileid air a mhuin, a chuilbheir air a ghualain, agus a mhiol-chù ri chois. Bha an reothadh cho laidir gun do choisich e thairis air Spe air an deigh, bha an sneachda cruaidh gun robh e coiseachd gu h-eutrom air uachdar. Chum e mach ri Noid bheag; baile chroiteirean air taobh deas Spe, far an robh na daoine gu choinneachadh. Na daoine a bha an Gàig air an turus roimhe so cha rachadh iad tuilleadh ann, ghabh cuid duibh leithsgeul a bhi tinn, cuid eile a dh’fholaich iad fein air chor nach d’ fhuair e aon diubh. Choinnich a cheathrar dhaoine a dh-ainmich sinn an t-Othaichear aig Noid bheag agus dh’fhalbh iad gu sunndach mach ri Gaig, be so an sealladh mu dheireadh a chunnacas beo dhe aon duibh. Iadsan a chuunaic iad a falbh dh’fhaodadh iad cumha Mhic-crimmoin a sheinn—“Cha till, cha till, cha till thu tuillidh.” Ged a bha an t-Othaichear dubh mu ruidhe ceithir bliadhna do ’n cheithir fichead bha e cho sunndach gu siubhal monaidh ri fear aca. Bha an latha goirid, bha e ciuin ach bha ghrian seoladh gle dhomhain ach gle ghoirid an deigh dhoibh falbh thoisich a ghaoth re eiridh agus a chionn na h-oidhche shil an t-uisge gu trom agus a ghaoth e sìr eiridh gus an robh stoirm uamhasach ann an ùine ghoirid. Bha iomgain air an càirdean an d’ rainig iad an bothan an Gàig gu sàbhailte. Bha biadh aca leo agus iad an beachd fuireach airson beagan lathan. An deigh do’n oidhche teachd, bha an stoirm a fàs na bu mhiosa, a ghaoth agus an t-uisge uamhasach, a chlach-mheallain, tàirnneanach agus dealanach a strith agus a cogadh ri cheile, ach co aig a bhiodh an uachdranachd, mar gu biodh bunaitean na talmhainn gu iomlan air an crathadh, agus lean e mar sin fad na h-oidhche. Sluagh aig an robh cuimhne air an oidhche so bha iad ag ràdh nach robh a leithid a dh’ oidhche ann fathast o sìn. Air maduinn an ath latha, a cheud latha do’n bhliadhna ochd ceud deug; bha sneachda ùr ga chur, a ghaoth uamhasach laidir, cur agus dall chathadh ann; lean e mar so airson dà latha, agus is ann air an treas latha a chaidh ceathrar fhear do Ghàig a dh’ fhaicinn an robh an t-Othaichear dubh s’a chuid daoine beo; an uair a rainig iad far an robh an bothan, cha robh am [TD 355] [Vol. 7. No. 45. p. 3] bothan idir ann, cha robh clach na cabar dheth ri fhaicinn, ach an gleann uile comhdaichte le sneachda. Thill iad dhachaidh, dhinnis iad an sgeul mar a bha chuis, chruinnich na h-uile fear a bha anns an dùthaich an ath latha agus thug iad Gàig orra. Air dhoibh cladhach ’san t-sneachda ann an làrach a bhothain fhuair iad na cuirp aig na daoin’ ach aon fhear, Macpharlain; fhuaradh esan asdar mor o’n aite ’s an robh an bothan ùine mhor an deigh so ’nuair a leagh an sneachda. Bha an bothan aig bonn a mhonaidh mhoir chais, a chultaobh ri deas agus aghaidh ri tuath. Leis a ghaoth agus an doinionn a bha ann tha e gle choltach gu’n thainig an sneachda an nuas na mhill mhora agus gu’n do sguab e leis am bothan; bhiodh na daoin air an tachdadh leis a chathadh. Cha robh clach air fhagail do ’n bhothan, bha cuid duibh astar mor air falbh. Sgaol gach sgeul bu mhiosa na cheile feadh na duthcha, bha cuid ag radh gu’r e breitheanas a thainig air an Othaichear dhuibh air son a dhroch dhoighean, ach co dhuibh a thainig an boc-gaibhre a choimhead orra na nach t-aing cha robh aon diubh beo gu innse. Leis a bheinn mhor a bha air culaobh a bhothain agus doimhneachd nhor sneachda a bhi ann a thighinn na mhill uamhasach a nuas gus an da leag e an bothan, se so cunntas is coltaiche mar a chaidh na daoine a chall. Chaidh marbhrann a dheanamh ’san am air “Call Ghàig” le fear Mac-Aoidh a bha ann an Baideanach. MU ALGIERS. Buinidh an rioghachd so do ’n Fhraing. ’Se Ceanna-bhaile na rioghachd Algiers, air còrsa na fairge. Tha’m baile so air a dhaingneachadh gu laidir. Tha e air a chuairteachadh le balladh a tha dà fhichead troidh air àirde, agus an taobh a muigh dheth so tha dìg’ a tha seachd troidhean air doimhneachd, agus fichead troidh air leud, a tha làn uisge. M’a thimchioll a Bhaile tha seachd caisteil air a’ bheil iomadaidh de ghunnacha mòra. Air taobh na fairge, tha’m baile so, agus an acarsaid air a dhaingneachadh gu ro laidir. Tha rioghachd Algiers mu shea ceud mil’ air fad, agus naoi fichead mil’ air leud. ’S ann do’n chearna sin de’n t-saoghal ris an canar Africa, a bhuineas e; agus tha baile mòr Algiers calg-dhìreach fa chomhair Gibraltar. Tha luchd-àiteachaidh na rioghachd so a co’-sheasamh de Mhoors, Arabs, Iudhaich, agus mòran Chriosduidhean a tha aca nan tràillean fo dhaorsa chruaidh. A thaobh creidimh is Mahomadaich muinntir na tìre so, agus tha gamhlas mòr aca do luchd-leanmhuinn Chriosd. Tha fir agus mnài na rioghachd so ro neo-thoileach aoidhean fhaicinn a stigh nan tighibh. Ma ni aon duine guth air a choimhearsnach is tric leis, an àite leige stigh, mar ni sinne, ’s ann a choinnicheas na Moors a muigh e, agus an déigh brat a sgaoileadh air an t-sràid, ni iad suidhe air a shocrachadh an gnothaichean. Cha’n eil dithis diubh a thachras air a chéile, an àite seannachais nan seasamh mar ni sinne, ’s ann a shuidheas iad air an làr. Cha’n ’eil marcaichean air thalamh is fearr na na daoine so, agus cha ’n ’eil ri fhaotainn eich is meamnaiche lùthmhoire na tha aca. Cosmhuil ris na Mahomedanaich eile tha cead aca so ceathrar de mhnathan pòsda bhi aca, agus ’s iad na pàrandan a ni an t-suirdhe air son an cuid cloinne. Cha’n fhaic fear no bean-na-bainns’ a chéile gu là a phòsaidh, a chionn gu bheil na mnài òga san dùthaich so do ghnà fo ghlais, agus ’nuair a thig iad a mach tha’n aghaidh còmhdaichte le gnùis-bhrat. ’Nuair a dh’eugas fear dhiubh so, theid a ghrad chur fo thalamh. Tha an àiteachan adhlaic an taobh a muigh de’n bhaile, agas tha luchd-bròin fo thuarasdal a leantuinn a chuirp, agus a seinn laoidhean le fonn tìomhaidh a tha air a thogail leis a chuideachd air fad. Tha ionadan aoraidh lionmhor san dùthaich so. Tha os ceann trì-fichead diubh so ann am baile mòr Algiers. Tha na h-eaglaisean so a co’-sheasamh de chùirtibh farsuing fosgailte, tobar eireachdail nam meadhon, air son gach ionnlad a tha fiachaicht’ air an luchd-aoraidh. Ma’n cuairt air a chùirt tha àiteachan air a’ bheil brait rìomhach air an sgaoileadh, far an sleuchd iad sìos an àm deanamh ùrnuigh. ’Nuair a thig iad a stigh do’n tigh-aoraidh, an àit an còmhdacha cinn a thoirt diùbh, ’sann a chuireas iad diubh an caiseart. Cha ’n ’eil an ùrnuigh ach gearr, ag aideachadh maitheas Dhe agus Mhahomed; tha i air gach àm air a h-aithris tri uairean, le’n dà làimh air an togail suas os ceann an cinn, agus ’nuair a sguireas iad pògaidh iad an talamh. ’Se Di-haoin’ againne an t-Sàbaid aca-san. Cha’n ’eil cluig aca nan eaglaisean, ach ann an àmaibh aoraidh agus ùrnuigh togaidh iad suas brataichean geala air turaid na h-eaglais; thèid iadsan a stigh a thàrlas air an àm a bhi dlù do laimh, agus tuitidh iadsan a bhios fad air falbh air an glùinibh sa cheud àite goireasach. Tha trì féillean mòra spioradail aca. ’S e’n t-aon is mò dhiubh, là àraidh tha air a chur air leth chum cunndas a ghabhail air am maoin shaoghalta, chum an deicheamh a thoirt do na bochdaibh. Cha’n fhaigh duine sam bith a bhi na shagart gus am bheil e comasach air a Khoran, (’se sin am Biobull acasan,) fhaotainn air mheoghair. Tha ’n aimsir blàth ro thaitneach san tìr so, agus tha ’n dùthaich fallain. Tha mèinnean òir, iaruinn agus luaidhe san tìr so. Tha’m fearann anabarrach tarbhach. Tha ’n crann-fiona, agus oladh, agus gach gne mheasan is ro thaitnich’ a’ fàs air bheag dragh san dùthaich so. Tha chuilc shiùcair a’ fàs gu nàdurra san rioghachd so; ach gu truagh, cha’n ’eil aca ach droch riaghladh. O shean bha ’n dùthaich so fo riaghladh an àrd Thurcaich, ach a nis tha uachdaran air a thaghadh leis an arm, le mòran comhstrigh, agus gu tric le dortadh fola. ’Nuair a roghnaichear e cha’n ’eil smachd air bith air. ’Si thoil-san lagh na dùthcha, agus cuiridh e as d’a chuid daoine mar is àill leis. O cheann iomadh linn bha ’n tir so na culaidh-mhìothlachd do’n Roinn-Eorpa gu léir; cha seas iad ri aon chùmhnant no co’-cheangail a nìtear riu. Cha’n ’eil annt’ ach creachadairean air muir, ’s air tìr; tha cabhluichean laidir aca aig Algiers, agus anns gach bail’ eile tha aca ri cois na fairge, d’an gnà obair a bhi ri spùinneadh ’sa’ creachadh loingeas gach tìr eile a thig nan caramh, air an urrainn iad buaidh a thoirt. Tha nis còrr is dà cheud bliadhn’ o chuir na Spainndich a mach cabhlach mòr, os ceann sèa fichead soitheach, agus deich mìle fichead airm, gus an rioghachd so a cheannsachadh, agus a shaoradh na bha de Criosduidhean nan tràillean innte, ach an déigh dhoibh a chuid bu phailte d’an loingeas agus d’an daoine chall, phill na bha làthair dhuibh dhachaidh gun mhòr dholaidh a dheanamh. Thugadh iomadh oidheirp eile le cuid de chumhachdaibh na h-Eorpa nan aghaidh, chum cosg a chur air an spùinneadaireachd, ach a dh’aindeoin gach oidheirp a thugadh sheas iad gus a so, agus tha iad co cealgach, charach, fhoirneartach, ’s a bha iad riamh. Anns a bhliadhna 1816, chuir Breatuinn a mach cabhlach laidir, fo Ard-mharaich co ainmeil’ sa bha againn, chum saorsainn a chosnadh do Chriosduidhean a bha fo dhaorsa. Toiseach na bliadhna sin chaidh e mach agus cheannaich e saorsadh do thrì mìle a bha aca fo’n tràillealachd bu chràitiche. Fhuair an t-Ard-mharaiche, Mor’ear Exmouth, gealladh nach glacadh iad aon long Bhreatunnach tuille, ach ’s gann a rainig e Sasunn air ais gus an do thòiseach iad air glacadh, air mort agus a’ marbhadh gach neach dhiubh a thainig nan earamh. Phill Exmouth air ais, le feachd mòr, agus an déigh dha a chabhlach a chuir an òrdugh mar asdar urchair do’n bhaile, dh’fhosgail e orra air dòigh a thug am baile ’an ùine ghearr gu striochdadh. Shaor e air an àm so tuille mòr de na Criosdui’ean a bha ann an daorsa; agus thug e iad gu cùmhnantan nach d’ thigeadh an là a ghlacadh iad long no duine a bhuineadh do Bhreatuinn, agus nach deanadh iad tràillean ni bu mhò de mhuinntir aon dùthaich Chriosduidh. Chaidh da mhìle dheug de mhuinntir Algiers a mharbhadh sa chòmhrag so. Cha robh againne ach mu thimchioll mìle fear eadar na bha marbh agus buailte. Chum cail-eiginn de bharail a thoirt duibh m’an chath so, feudar innse dhuibh gun do loisg aon soitheach cogaidh, an càbhlach Bhreatuinn ceithir cheud baraille fùdair, agus còrr agus ceud tunna de pheileirean. Bha mòran de na tràillean bochda sin còrr agus cùig bliadhna-deug an ciomachas, ag oibreachadh gu goirt fo shlabhruidhean, agus air an sgiùrsadh gu h-an-iochdmhor. SEANA CHLEACHD SGIATHANACH. Cha’n ’eil a mach air ceithir-fichead bliadhna o bha e na chleachd anns an Eilean Sgiathanach, an uair a bhàsaicheadh tuathanach, gu ’n deanadh an t-uachdaran greim air an each-ursainn—’se sin, an t-each is feàrr ann an seilbh na bantraich—le bhi ’cur a mhaoir ’ga iarraidh gu h-ealamh an deigh an adhlaic! Bha’n sluagh a’ strìochdadh do’n chleachd an-iochdmhor so, agus a’ cur suas leis gu foigidinneach, gus an do chuireadh air chùl e air an dóigh so a leanas. Ann an sgìreachd an t-Sratha, air dò thuathanach còir do Chloinn Fhionghuin bàsachadh, chaidh am maor mar a b’àbhaist, an deigh an tiothlaic, a dh’iarraidh an eich air a’ bhantraich; ach chuir e an dleasnas a dh’àithneadh dha an gnìomh air mhodh co cruaidh-chridheach, ’s gu’n do chuir a’ bhantrach bhochd gu dian na aghaidh. Dh’ eirich connsachadh agus aimhreite co mòr eatorra, air achd, air do’n mhaor fearg a ghabhail, ’s gu’n do bhuail agus gu’n do chiùrr e a’ bhean bhochd agus mhuladach so, gus an robh a fuil, trid nam buillean a thug e dhi, a’ taomadh gu frasach air an làr. Air d’i a bhi air a claoidh leis an droch càramh a fhuair i, labhair i ris, ag ràdh, gu’n robh i an dòchas gu’n rachadh a mac a chaomhnadh, nach robh aig an àm sin ach bliadhn’ a dh’aois, gu dìoghaltas a dheanamh airson na dòigh air an do bhuineadh rithe air an là sin. Ochd bliadhna deug an deigh sin, chaidh am maor ceudna do’n ath bhaile air a’ ghnothuch cheudna, far an do nochd e mòran mi-mhodh do bhantraich thruaigh eile, le bhi ’toirt a h-eich air falbh gu tur an aghaidh a toile! Thainig na cùisean gu cluasibh Mhic-Fhionghuin, mhic na ceud bhantraich a dh’ainmicheadh, a bha ’san àm sin na òganach sgiamhach flaitheil, aig nach robh coimeas anns an t-Srath gu léir airson tàbhachd, neirt, agus tréubhantais! Ghrad lean e am maor. Rug e air mar astar thrì mìle o Chìllmari, àite-còmhnuidh an uachdarain. Dh’iarr e each a’ bhantraich air, agus chuir e ’na chuimhne an droch càramh a rinn e air a mhàthair ochd bliadhna deug roimhe sin. Dhiùlt am maor an t-each a liubhairt, agus chuir e uile bhagraidhean an òganach ann an surachas! Chaidh na fir an sin an glacaibh a chéile; agus air doibh a bhi nan dithis nan curaidhibh calma, bha’n tuasaid car tamuil dian agus garg: ach bhuadhach Mac-Fhionghuin; agus leis an sgian-duibh gheàrr e an ceann de’n mhaor, agus dh’ionnlaid ’se e ann an tobar a bha ri taobh an rathaid, deth an goirear “Tobar a’ (Air a leantuinn air taobh 358.) [TD 356] [Vol. 7. No. 45. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., IUN 9, 1899. COGADH NO SITH. AMERICA MU DHEAS. Is ainneamh an t-àm anns nach ’eil iomradh air cogadh an sud agus an so air feadh an t-saoghail. Is e mor-roinn eireachdail a tha ann an America mu dheas. Buinidh beartas luachmhor agus iomadach da. Nam bitheadh riaghladh laidir, seasmhach, onorach anns na rioghachdan an America mu dheas, thigeadh e air aghaidh gu luath agus gu cinnteach ann am maoin, ann an soirbheachadh, agus anns gach buaidh ’us feart a tha rioghachdan suidhichte na talmhainn a’ nochdadh agus a’ mealtuinn ann an tomhas taitneach, tarbhach. Anns a’ Mhor-Roinn so tha, gun tàmh, gun sgios, daoine ’deanamh aramaich an aghaidh uachdarain na dùthcha. Tha ceann-suidhe ’cur an gniomh gach gaisge ’s treubhantais a’s urrainn e ’thrusadh, airson an luchd-ceannairc a tha ’g eiridh ’na aghaidh a chiosnachadh agus a ghleidheadh ann an staid shiobhalta. AFRICA. Thainig ocras fuasach air righrean ’us luchd-comhairle na Roinn-Eòrpa bho cheann beagan bhliadhnachan, airson greim no cuibhrionn ’fhaotainn no ’ghabhail de mhor-roinn Africa. Ma dh’ fhaoidte gu tainig crioch a nis air gach uprait, ’us bagradh, ’us farum a bha Breatunn, ’us an Fhraing, ’us a’ Ghearmailt, agus an Eudailt a’ gnathachadh, anns an iarrtus dian ’us fuaimneach a bha aca air sealbh a ghabhail air farsuingeachd mhor no bheag de mhor-roinn Africa. Tha fios a’ tighinn gle thric bho Africa mu dheas, gu bheil an Transbhaal ann an suidheachadh bronach agus luasganach, agus gu feum Breatunn ann an ùine ghearr—on is i ’s ard-uachdaran thar na dùthcha so—crioch a chur air ughdarras Crugair agus na Boeireach. Faodar àideachadh le moran firinn gu bi, ann an ùine nach ’eil fada air thoiseach oirnn, suaicheantas Bhreatuinn a’ crathadh anns an t-soirbheas anns an Transbhaal; agus mar so gu faigh gach Duitseach ’us dream eile coir, ’us ceartas, ’us saorsa. AN EIPHIT. Cha ’n ’eil sinn a’ cluinntinn moran a nis mu dheibhinn na h-Eiphit. Cha ’n ’eil guth nam Frangach co laidir, dàn ’s a b’ abhaist dha bhi: gu feum Breatunn an Eiphit a threigsinn, on nach ’eil aobhar sonruichte air bith aice ’bhi ’deanamh moille ann an dùthaich nam Pharaoh ’fhagail. Neartaich blar ’us buaidh Omdurman gu h-iongantach ainm ’us coir Bhreatuinn anns an tir ainmeil so. Rinn an ceannard mearganta Citchener, agus a shaighdearan calma dearga, iomadh euchd os leth na h-Eiphit, uachdraich ’us iochdraich. Chuir am mortair mosach, an Califa, àireamh anabarrach de na fineachan a b’ abhaist a bhi ’tuineachadh anns an t-Soudan gu bàs, gun iochd, gun trocair. Thug e leir-sgrios air iomadh cnoc, ’us baile, ’s comhnard, far am bu nos do mhoran sluaigh a bhi ’gabhail comhnuidh, gu laghach, toilichte, ’s ann an comh-fhurtachd mhor ’n an doigh fein. Thainig beatha nuadh agus dealas ùr do ’n t-Soudan gu h-iomlan, agus do gach neach a tha fathast beò ann, on thainig crioch gu brath air cumhachd fhuileachdach a’ Chalifa. Cha ’n ’eil am mortair bruideil fathast ann an lamhan Chitcheneir. Theid greim bàis a dheanamh air ann an ùine ghoirid, ma dh’ fhaoidte. Cha robh riamh, eadhon ann an laithean grianach nam Pharaoh, anns na linntean a tha nis geal le sneachd nan aoisean, sluagh co lionmhor anns an Eiphit iochdrach ’s a tha innte an diugh. Tha na h-Eiphitich a bha ’nan tràillein truagha mu ’n tainig feachd ’us didein Bhreatuinn do ’n tir, a deanamh gairdeachas aghmhoir anns an t-saorsa ’bhuineas doibh; agus tha iad a’ tighinn air an aghaidh ann am maoin agus ann an comhfhurtachd, le deifir a tha taitneach agus fallain. Tha ’m Morair Cromair agus a luchd-cuideachaidh a’ cladhach a mach sruthan claise domhain agus leathann, airson a’ chuid a’s fearr a dheanamh de uisgeachan faoilidh agus beartach na h-aimhne iomraitich, an Nile. Bithidh air an doigh so, iomadh comhnard ’us dithreabh air an deanamh torach, agus fàsaidh fogharadh na h-Eiphit moran ni ’s modha ’s ni ’s luachmhoire. Tha aig an Fhraing, ’us aig Ruisia, ’s aig Austria, ’s aig a’ Ghearmailt, tha mi ’saoilsinn, coir, bho laithean muladach nan Chedibhe struidheil, air an guth a thogail ann an cuisean na h-Eiphit, do bhrigh gu tug daoine beartach anns na rioghachcan ud airgiod do luchd-riaghlaidh na h-Eiphit, agus gu bheil iarrtus laidir aca air an òr ’s an airgiod fhaotainn air an ais. Cha ’n fhada gus am bi comas aig an Eiphit air a h-ain-fhiach uile ’phaigheadh gus a’ bhonn-a-sè mu dheireadh; agus co luath ’s a bhitheas ain-fhiach na h-Eiphit air a phaigheadh, cha bhi tuille coir no cead aig an Fhraing agus na rioghachdan eile air gnothuch a ghabhail ri cuisean ’us riaghladh na dùthcha. Ciod e ’rinn iadsan airson saorsa ’aisig air ais agus a chosnadh do ’n Eiphit? Is e Breatunn a mhain a chosd a maoin, agus a dhoirt fuil a saighdearan as leth na h-Eiphit. Bithidh na h-Eiphitich sona ’s tearuinte, ’s ni iad gniomharan mora bho stiuradh Bhreatuinn. AN SULTAN. Tha gun tàmh iomradh nuadh air feadh an t-saoghail mu Shultan nan Turcach. Cha ’n ’eil e ’cinntinn ann an caoimhneas no ann an carthannachd. Is e uachdaran breun, an-iochdmhor, aingidh a tha ann. Cha ’n ’eil farmad air bith aig MAC-TALLA ’s agam fein ri Iompaire iongantach na Gearmailt, am feadh a tha e ’deanamh luaidh air an t-Sultan mar a charaid dileas, gràdhach. Tha, da rireadh, cairdean gasda air fàs tearc am measg a’ chinne-daoine, on tha briathran co laidir agus co blath air an labhairt le Iompaire mor na Gearmailt, mu ’n duine fhaoin, shuarach, allmharach a tha ’rioghachadh thaìris air na Turcaich. Thig crioch air fein agus air an rioghachd a mhill ’s a mhaslaich e. Ciamar a bhitheas rioghachd nan Turcach air a roinn? Tha moran ag radh gu faigh Breatunn sealbh air Arabia, agus gu ruig a cumhachd Bagdad,—baile ’bha morail ’us a tha cliuiteach ann an sgeulachd sean nan Arabianach. Theagamh gu faigh an Fhraing agus a’ Ghearmailt cuibhrionn de ’n fhearann bhoidheach a tha air an taobh an iar de Asia. Bithidh clambar ’us iorghuill mu dheibhinn Baile moir nan Turcach. On tha farmad co dian agus co laidir eadar Ruisia ’s Austria ’s rioghachdan eile, cha ’n fhaigh aon diu sealbh di fein no da fein air a’ bhaile ud air an do bhuilich nadur le caoimhneas comharraichte boidhchead, ’us beartas, ’us feartan a tha da rireadh mor ’us lionmhor. ’Nuair a thig an t-àm cha bhitheadh e idir iongantach ged a rachadh rioghachd ùr a thogail mu thimchioll a bhaile mhoir so,—rioghachd a gheibheadh tearmunn, ’us neart, ’us seasmhachd bho na rioghachdan cumhachdach a tha m’ an cuairt. CONA. Tha Dreyfus mu dheireadh thall a’ dol a dh’ fhaotainn ceartais. Tha ard-chuirt na Frainge an deigh orduchadh e bhi air fheuchainn as ur, agus o nach eil aon lide dhe’n fhianuis leis an robh e air a dhiteadh firinneach. cha’n eil teagamh sam bith nach bi e air a shaoradh aig an fheuchainn ur. Tha an oifig a bh’aige’san arm-bha e’na chaiptean—ri bhi air a toirt dha air ais, agus tha e nise air long-smuide air a thurus dhachaidh do’n Fhraing. Tha dithis no triuir de dh’ard oifigich na Frainge ri bhi air am feuchainn air son an lamh a bh’aca ann an diteadh an Iudhaich bhochd. Tha an cas ’na naire ’s na mhasladh do’n Fhraing, oir dh’fheuch an t-am ’s an an riaghladh cho math sa b’urrainn daibh ri ceartas a dhiultadh dha, ach hhuadhaich an ceartas a dh’ aindeoin cuise. Chaidh an Fhraing sios gu mor ann an sealladh an t-saoghail air saillibh an diol a rinn i air Dreyfus; chaidh i sios cho mor ’s gu’n teid iomadh bliadhna seachad mu ’m bi i cho mor ’s cho measail mar dhuthaich an sealladh dhaoine ’sa bha i roimhe. Tha MAC-TALLA nise dluthachadh air crich na seachdamh bliadhna; tha a bhliadhn’ ur a toiseachadh ann an Iuladh. Tha romhainn an deigh sin am paipear a chur a mach ann an uidheam ’s an dreach na’s fhearr na bha e riamh. Cha’n abair sinn an corr an so, ach chi ar leughadairean dhaibh fhein ’nuair a thig a cheud aireamh de’n bhliadhn’ ur a mach. Tha dochas laidir againn gu’n lean na Gaidheil gu dluth ’s gu dileas ris, s’ gu’n cum iad suas e air chor ’s gu’n bi e ’na chreideas dhaibh. Cha’n eil aca de phaipearan Gailg ach e-fhein, agus bu choir dhaibh fhaicinn gu’m biodh e na phaipear ro-mhath. Tha fhios againn gu’n gabhadh am MAC-TALLA leasachadh ann an iomadh doigh, agus tha dochas againn, comhnadh nan sgriobhadairean coire tha cheana cur comain air gu’m bi e a sior fhas na’s fhearr. Faic na tairgsean a tha sinn a toirt dhaibh-san a tha air son cuideachadh leinn ann a bhi faotainn luchd-gabhail ura do’n MHAC-TALLA. Cha’n eil aon de’r leughadairean nach urrainn tri na ceithir fhaotainn, agus mar sin duais a chosmadh. Tha litirchean o “Iain Rothach,” o “Mhurchadh Cam” ’s o “Antigoniche,” againn air son aireamh na seachdain s’a tighinn; mar an ceudna oran cumha o “Chalum “na h-Aimhne.” SANAS. Tha toil againn àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dhùblachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsean a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triùir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhéin a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-orain “Na Bàird Ghàilig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. A CHEUD neach a chuireas ugainn tri ainmean us tri dolair, no ceithir ainmean us ceithir dolair, dublaichear a dhuais. [TD 357] [Vol. 7. No. 45. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha coinneamh aig Bord Sgoile na siorrachd ann an tigh na cùrtach Di-ciaduin. O chionn beagan us seachdain air ais tha iasgach nan giomach gle mhath ann am Port Morien; tha cuid dhiubhsan a tha ’g an glacadh a deanamh deich dolair ’san latha. Chaidh tigh a losgadh ann a Halifacs o chionn da sheachdain air ais, tigh a bha air a thogail le Iain Young, athair Sir Uilleam Young, agus anns an robh e fhéin ’sa theaghlach a comhnuidh aireamh mhor bhliadhnaichean. Tha carbad gu bhi ruith air an C. P. R. an ùine ghoirid a ni an t-astar eadar Halifacs agus Vancouver ann an sia fichead uair ’sa ceithir—beagan a bharrachd air coig latha. Tha so gu math na ’s luaithe na bhatar a deanamh roimhe so. Tha an t-ard-riaghladh a dol a leantail air a bhi toirt cuideachaidh do luchd-leaghaidh an iaruinn, ach tha an t-suim a bheirear dhaibh mar sin ri bhi air a lughdachadh gach bliadhna, a lion beagan us beagan, gus an cuirear stad air gu buileach anns a bhliadhna 1907. Air an aonamh latha fichead dhe ’n mhios so bidh baile Halifacs ceud gu leith bliadhna dh’ aois. Bha muinntir a bhaile air son an latha sin a chumail le greadhnachas mor, agus dh’iarr iad air a pharlamaid, anns an earrach, cead suim mhor airgeid a ghabhail an iasad air son a chosguis a phàigheadh. Dhiùlt a phàrlamaid an cead sin a thoirt dhaibh, agus ’se ’s docha nach bi an latha air a chumail idir. Ann an New Glasgow, aon mhaduinn o chionn ghoirid, chaidh pàisde nighean, aois bliadhna, le Alasdair Mahoney a chur ann an cathair ri taobh an teine anns a chidsinn, air son a blàthaahadh. Air da màthair a cùl a thionndadh rinn an te bheag greim air poit lite bh’ air an teine, ’ga cur thairis ’sa dòrtadh na lite oirre fhein. Bha i air a scàldadh cho dona ’s gun do chaochail i maduinn an ath latha. Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh bha an t-Urr, A. D. Mac Fhionghain air a shuidheachadh ann an Eaglais St. Andrew’s am Boston. Buinidh Mr. Mac Fhionghain do Loch Ainslie; bha an eaglais anns am bheil e nis air a shuidheachadh air a fosgladh an toiseach o chionn naodh bliadhna fichead air ais, agus bha an t-Urr. Padruig Domhnullach, a mhuinntir Hogamah, a searmonachadh innte fad ochd bliadhna fichead. Chaochail seann duine ann am Michigan o chionn ghoirid, agus air iarrtus fhein, bha e air a chur fo’n fhod ann an ciste-laidhe a bha air a dath dearg, agus a bha aige ’san tigh fad da bhliadhna mu’n do chaochail e. Thagh e-fhéin an t-àite anns am biodh e air a thiodhlacadh, agus dh’ ullaich e mar an ceudna leac-lighe air an robh na briathran so sgriobhte: “An so tha corp Uilleam Dicker, duine a bha riamh a pàigheadh ceud sent air an dolair.” Tha muinntir a bhaile so a deanamh ullachaidh air son “carnival” a tha gu bhi aca air a cheud seachdain dhe’n ath mhios, a tòiseachadh air Di-ciaduin an 5mh latha, gu mairsinn tri latha. Tha àireamh de shoithichean cogaidh Breatunnach us Frangach gu bhi anns an acarsaid, agus tha dùil mar an ceudna ri cuid de shoithichean cogaidh nan Stàitean. Bidh réisean bhàtaichean agus cluichean dhe gach seòrsa a dol air adhart re nan tri latha. Cha’n eil teagamh nach bi moran sluaigh anns a bhaile air an t-seachdain sin, oir tha daoine tighinn ann as gach cearna de Nobha Scotia, agus dh’ fhaoidte á àiteachan ni’s fhaide air falbh. Chaidh dithis dhaoin’ òga a bhathadh ann am Port Felix, toiseach na seachdain s’a chaidh, ’s iad a mach ag iasgach ghiomach. Bha stoirm thairneanach ann Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, agus shil frasan math uisge a thug adhartas math air gach ni a tha fàs. Ach tha an t-side a fuireach fuar gu leòr, agus cha’n eil fàs cho math ’sa b’ àbhaist mu’m àm so dhe’n t-samhraidh. Tha dùil ri bhi a cur nam mails gu Glace Bay, Port Morien us Louisburg leis a charbad-iaruinn an ùine ghoirid. Bha dùil gu ’m biodhte gan giùlan mar sin o thoiseach a mhios so, ach cha d’ fhuaireadh sin a dheanamh, ’s tha iad gu ruige so air an giulan le eich us carbadan. Bha an t-ard-Urramach an t-Easbuig Camaran anns an eaglais Chaitlicich ’sa bhaile so Di-dònaich s’a chaidh. Bha an eaglais làn dh’ ionnsuidh nan dorsan; am measg chàch bha naodhnar de na h-oifigich Fhrangach anns an éisdeachd. Chaidh mu cheud de dh’ òigridh a pharaiste fo làimh Easbuig. Bha an t-Easbuig re na seachdain so ann an eaglaisean eile air feadh na siorrachd. Tha plàigh bhratagan aca ann an caochladh chearnan air an t-samhradh so. Faisg air Montreal chaidh meall dhiubh tarsuinn an rathad-iaruinn o chionn ghoirid, agus bha iad cho tiugh ’s gu’n do chuir iad stad air a charbad Thachair an ceart ni faisg air an aite cheudna o chionn choig bliadhna fichead air ais. Tha bratagan a deanamh millidh moir air na craobhan mèipil ann an Stait New York. Chaidh nighean bheag le Ruairidh Domhnullach, aois da bhliadhna gu leth, a bhàthadh ann an Antigonish, seachdain gus an de. Bha i comhla ri cloinn eile a cluich ri taobh na h-aimhne, agus thuit ise dh’an uisge; ghabh càch an t-eagal agus ruith iad dhachaidh gun innse do neach sam bith mar a thachair. Chunnacas am pàisde anns an amhuinn, ach mu ’n d’ fhuaireadh gu tir i bha i air a bàthadh. Bha an t-Urr. Domhnull Mac Odrum air a shuidheachadh ann an eaglais Marion Bridge Di-màirt s’a chaidh. ’Se a cheud mhinisteir a bha air a shuidheachadh ann am Marion Bridge o’n rinneadh paraiste air leth o’n chuid eile de Mhira dheth. Tha Mr. Mac Odrum na duine gealltanach, na shearmonaich, math Gàilig us Beurla, agus tha sinn an dòchas gu’m bi soirbheachadh mor leis ’na shaothair anns a choithional. Chaidh Innseanach d’ am b’ ainm Casimir a chrochadh ann an Kamloops, B. C., seachdain gus an diugh. Mharbh e duine geal d’an robh gamhlas aige le pealar a chur ann. Bha an daorach air ’nuair a rinn e’n gniomh. Cha’n eil teagamh nach b’ ann o dhuine geal a fhuair e an stuth a chuir an daorach air, agus mur biodh an daorach air cha robh e air am mort a dheanamh idir. Ach an duine chreic an stuth làidir ris, cha ’n eilear a’ cur peanaist sam bìth air. Saoilidh sinn nach eil an lagh cho ceart ’sa dh’ fhaodadh e bhith, agus gu’m bu chòir a leasachadh. Tha cuirp nan gillean a bha air am bàthadh ann an Loch Phottle air a choigeamh latha dhe’n t-samhradh, air am faotainn. Fhuaireadh corp Stanley Robinson feasgar Dior-daoin le Tearlach Moore, agus corp Bert Bheutain le athair, maduinn na Sàbaid. Bha iad air at gu mor le bhi anns an uisge uine cho fada, ach cha robh iad air cnamh no air an cur a aithne. Thatar a deanamh a mach gu’m b’e na tairneanaich a bh’ ann feasgar Di-ciaduin a ghluais na cuirp bhar grunnd an locha. Fhuaireadh iad faisg air an àite anns an d’ fhuaireadh na cip ’s am bàta, agus a reir coltais bha iad gu math domhainn anns a pholl. Bha Stanley Robinson air a thiodhlacadh Di-haoine, agus Bert Beutan, Di-luain. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbada—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 358] [Vol. 7. No. 45. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 355.) Chinn” gu ruig an là an diugh! An sin leum e air druim an eich, agus bha e gu h-ealamh aig dorus an uachdaran, a’ giùlan a’ chinn fhuiltich air bàrr na sgeine! Chòmhlaich seirbhisich e, a ghabh eagal an uair a chunnaic e an sealladh sgreataidh so! Ghrad ruith e a steach, agus dh’innis e d’a mhaighstir gu’n robh Donnachadh Mòr aig an dorus, le ceann a’ mhaoir air bàrr a bhiodaig, agus gu’n robh e ’g iarraidh ’fhaicinn. Cha chreideadh an t-uachdaran an toiseach gu’n d’rinneadh gnìomh co déistinneach, air da a bhi aineolach air na nithe a b’aobhar da. Ach an uair a chaidh e mach, chunnaic e gu’n robh na chual e fìor; agus air da na cùisean a chluinntinn o Donnachadh Mòr, agus fios fhaotainn air an laimhseachadh ghoirt a fhuair a mhàthair o’n mhaor, an uair a bha Donnachadh na leanabh, thug e maitheanas da gu saor—rinn e maor dheth an àit an fhir a mharbhadh; agus thug e òrdugh a mach nach rachach each, no nì eile, a thoirt tuilleadh o bhantraich sam bith air ’oighreachd-san an deigh an latha sin! Tha e gu cinnteach na aobhar-taingeileach dhuinne gum bheil beatha an duine a nis air a dìonadh le lagannaibh teann agus eagnuidh, agus gum feud sinn teachd beò gun eagal, gun chùram gu’n téid ar cur gu bàs, mar anns na h-àmhnnaibh o shean, feudaidh e ’bhith, gun aobhar no leisgeul sam bith. B’uamhasach an nì, an uair a bha cumhachd beatha agus bàis ann an làmhaibh nan cinn-fheadhna anns gach àite do’n Ghàidhealtachd, agus an uair a bha comas aca maitheanas a thoirt do mhortair, agus luchd droch-bheirt do gach gné a chur fa sgaoil! Chaidh na h-àmanna fuilteach sin seachd; agus is cubhaidh dhuinne buidheachas a thoirt do’n Tì uile-bheannuichte sin a ta riaghladh gach nì le a chaomh-fhreasdal fèin, do bhrìgh gu’n do thilg e ar crannchur ann dùthaich agus ann an lìnn far am bheil sinn a’ mealtuinn shochairean luachmhor agus lìonmhor nach do bhuilicheadh riamh air ar roimh-aithrichibh anns na lìnntibh a dh’fhalbh!—Cuairtear nan Gleann, 1843. Bha sean duine ’na shuidhe ri taobh an rathaid, agus cu neonach iomadh-alach ’na chruban ri thaobh. Thainig da ghille an taobh a bha e, agus air dhaibh beachdachadh air an ainmhidh le deagh aire car greis a dh’ uine, thuirt fear aca, “B’ fhear leam gu’m bu leam fhein an cu.” Air do’n t-sean duine so chluinntinn, dh’fhoighneachd e, “Agus ciod a dheanadh tu ris nam bu leat e?” Dhearc an gille air a’ chompanach agus chunnaic e gu’n robh an rathad reidh roimhe, agus thubhairt e. “Reicinn e agus cheannaichean cu.” An sin cha b’ urrainn duit na gillean fhaicinn leis an stuir, agus bha an sean duine a’ bualadh an adhair gun dad airson a shaothair. Bha fear ann an Ile ris an abradh iad “Iain mòr nam madadh,” air son cho feumail ’s a bha e air faotainn chon do na tuathanaich feadh an eilein. Bha e ’n a dhuine làidir geur fhoclach; caoin-shuarach mu dhol an dàil ni ’sam bith. Bha e ’coiseachd na tràigh-mòire aon oidhche ’s e air mhisg, agus gun a bhi ’toirt fainear a’ bhogha ’bh’ air an tràigh, bha ’n a inntinn gu ’n leanadh esan dìreach air aghaidh co dhiubh a rachadh e troimh oir na fairge no nach rachadh. Air dha leantuinn dìreach air aghaidh bha e mach mu dheireadh ann am briseadh nan tonn. Mar a bha e mach gu math ’s e ’faicinn tuinn mhòir a’ tighinn, ghlaodh e gu h-èiginneach, “A Dhia, cuidich leam!” Mar a chaidh an tonn seachad gun Iain a chur far a chas thuirt e gu caoin-shuarach, “O cha ruig thu leas, ni mi fhéin a chùis.” Bha “Mark Twain” aon uair aig dinneir mhoir, agus ghairmeadh air mar fhear-oraid. An deigh dha oraid ealanta tapaidh ’thoirt seachad, dh’ eirich fear-lagha, a lamhan gu domhain ann am pocannan a bhriogais, agus thubhairt e;—“Nach iongantach an ni’ leis a’ chuideachd so gu’m bitheadh fear d’am b’ abhaist a bhith a’ deanamh feala-dha do mhuinntir eile, cridheil.” Rinn a’ chuideachd uile gaireachdaich gu leor nuair a chual iad so. Dh’ fheith Mark gus an robh an cuid gaireachdaich seachad, agus an sin thubhairt e air a shocair fhein:—“Nach eibhinn leibhse chuideachd, a bhi faicinn fir-lagha agus a lamhan ’na phocannan fein?” Air do mhinistir a bhi ’ceasnachadh sean bhean d’a luchd éisdeachd, dh’ fheòraich e dhi mar so:—“Nach ’eil fhios agad gur h-ann do shliochd Adhaimh thu; agus gu’n do thuit thu annsan? Fhreagair ise “gu’n robh dòchas aice nach b’ ann; gur h-ann a bha ise de na daoine còire, na Caimbeulaich, daoine foghainteach ris nach robh ni sam bith riamh ri ràdh.” C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. H. D. MAC ILLE-MHAOIL Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. [TD 359] [Vol. 7. No. 45. p. 7] A FRAMBOISE. Rinn an stoirm a bh’ againn air an t-seachdain s’a chaidh call mor air na h-iasgairean giomach; chaidh moran de na ropannan ’s de na trapaichean iasgaich an darra cuid a sguabadh air falbh no an tilgeadh air tir. Cha ’n fheairrd iad an stoirm a theachd cho trath idir. Is i a ghaoth an ear gaoth a’s truime a ghluaiseas a mhuir air na cladaichean so na gaoth air bith eile; agus cho fad ’sa bhitheas i ann cha bhi iasgach sam bith cho math ’sa dh’ fhaodadh e bhith. Cha deachaidh a bheag do rionnach a ghlacadh fhathast, ach tha suil againn ga ’n tig an t-iasg coir sin an uine gun a bhi fada, ged nach ’eil e taghal nan cladaichean so faisg cho pailt ’sa bha e o cheann deich no dusan bliadhna. Aig an am ud gheibhte e goirid bho ’n chladach, ach a nise feumaidh na lin a bhi mach uine fhada bho thir m’ an tachair e orra. Tha daoine ag radh ge b’e aite na uisge anns a bheil an rionnach a tamh fad a gheamhraidh, gu bheil e bualadh a steach gu cladach na Staitean ear mu dheireadh a cheud mhios de ’n earrach; agus tha moran shoithichean ga choinneachadh mu na cladaichean ud. Agus aig gach aon diu sin tha lin mhora is bataichean, agus neach de ’n sgioba am barr a chruinn, agus cho luath ’sa chi e ’n t-iasg a tighinn am barr tha glaodh ga thoirt, ’s tha gach fear na aite gus a lion a ruith timchioll air a mheall, ’s nuair a gheibh iad sin a dheanamh, tha iad an sin ga ghrobadh a stigh aig an iochdar mar phoca. Tha an soitheach an sin a teachd ri ’n taobh ’sa tarruing an lin gu bord. Tha iad ga ruagadh mar sin a h-uile ceum air cladaichean Nobha Scotia agus an eilean so, seachad sios gu ceann an ear an eilein; agus ge b’e gu de a bhios aca ’nuair sin, feumaidh iad gabhail leis, a chionn gu bheil an rionnach mu ’n am sin, a reir a ghne fein, a teannadh ri cur na h-iuchrach. Cha ’n eil teagamh nach eil na soithichean ud, “’s iad ann mu cheud no corr,” a cuir sgapadh ’san iasg, ’s ’ga fhagail ni ’s duilghe a ghlacadh aig iasgairean bochda nan acarsaidean-sa; ach mar is trice, ’se aireamh bheag de na soithichean ud a tha deanamh luchd: cuid a tha, ’s cuid nach eil a glacadh dad idir. Is iongantach doighean iasg na mara fein. O chionn deich no dusan bliadhna air ais, bha ’n sgadan cho pailt mu na cladaichean so ’sa dh’ fhoghnadh; ’sa nise cha ’n ’eil e idir ann, ’s gu dearbh tha sinn ga ionndrainn. Agus an t-iasg mosach sin a “bhiorach,” bha ise riamh na bu phailte na dh’ fhoghnadh. Ach thog i oirre aon uair a sid, is ge b’e aite na cearn de ’n chuan ’san d’ thug i oirre, cha ’n fhaca sinne aon te fhein fad sheachd bliadhna; ach tha nise da bhliadhna bho ’n thill i, ’s cha robh i riamh cho pailt ’sa tha i nise. Is i namhaid eisg is motha a measg lion; oir tha a craicionn cho garbh ’s gu’n cuir i na lin as a cheile ann an uine ghoirid. CEANN LIATH. Iun 3, 1899. Am Feillire. IUN, 1899. 1 Dior-daoin Là Dhruimelog, 1679. 2 Di-haoine 3 Di-satharna Breith Thormoid oig Mhic Leòid, 1812. 4 DI-DONAICH II. Donaich na Caingis. 5 Di-luain 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart Brùs 1329 8 Dior-daoin 9 Di-haoine An fhéill Chaluim. 10 Di-satharna Là Ghlinn Seile, 1719. 11 DI-DONAICH III. Donaich na Caingis. 12 Di-luain 13 Di-mairt An Fhéill Chairill. 14 Di-ciaduin Là Naseby, 1645. 15 Dior-daoin 16 Di-haoine 17 Di-satharna Là Raon-Ruairidh, 1689. 18 DI-DONAICH IV Donaich na Caingis. 19 Di-luain [18] Là Bhaterloo, 1815. 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin An là a’s fhaide ’sa bhliadhna 22 Dior-daoin 23 Di-haoine An Fhéill Mhath-Luthaig. 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH V. Donaich na Caingis. 26 Di-luain 27 Di-mairt Bàs Righ Deorsa IV., 1830. 28 Di-ciaduin Crùnadh na Banrigh, 1838. 29 Dior-daoin An Fhéil Pheadair ’us Pòil. 30 Di-haoine Bàs Eoghain-na-Pillidh, 1817 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 8, U. 2, M. 6 M A’ Cheud Chairteal L. 16, U. 5, M. 32 M An Solus Lan, L. 23, U. 10, M. 6 M An Cairteal mu dheireadh L. 30, U. 0, M. 31 M THE DAILY RECORD. PAIPEAR LAITHEIL CHEAP BREATUNN. Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B. A PHRIS: Bliadhna, $3.00 Sia miosan, 1.50 Tri miosan, .75 A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH. Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc. ’S COIR DHUT A GHABHAIL. SGRIOBH GU— JOS. MacDONALD, Editor and Publisher, Sydney, C. B. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Iarr air na Marsantan EDDY’S “EAGLE” Parlor Matches 200s. “EAGLE” Parlor Matches 100s. “VICTORIA” Parlor Matches 65s. “LITTLE COMET” Parlor Matches AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL. GUN SRAD PRONNAISG. The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 360] [Vol. 7. No. 45. p. 8] An t-Eilean Sgiathanach. LE ALASDAIR MAC NEACAIL, L L. D, Air Innse’ na Gréig is àill’, Tha luaidh nam Bàrd nach gann; B’ e m’ ulaidh-sa riamh na h-Eileanan Iar, Far an cluinnear cainnt nam beann. Tha Itaca, Ciprus, is Ròds, Ionmhuinn le clann nam fonn; Ach I-Choluim-Chille, ’s i gràdh gach filidh Chaidh altrum an Alba nan sonn. Ged ’s bòidheach a’ ghorm Mhuir Dheas, Far an cleasaich ’n a neart a’ ghrian, ’S ann leam gu’m b’ fhearr ’bhi coimhead an t-sàil’ A’ briseadh air cladach na h-Iar? Beinn Shioin, an Aithne, ’s an Ròimh, Faiceam mu’n teid mi fo’n ùir, Ach ’s beag mo spéis do bhaile fo ’n ghréin, An coimeas ri Eilean mo rùin! Ars’ an coigreach, a’ fiosrach dhiom fhéin, Ciod e na h-ioghnaidh a t’ ann? “Ciod iad nach ’eil,” do fhreagair mi deas, “Ma tha sùilean gu faicinn an d’ cheann?” Ach bheirinn a’ chomhairle dhut, Ma ’s duine thu tha meata na d’ chàil Ma ’s fuath leat fras, na ruith gu bras A choimhead air Eilean mo ghràidh. An toigh leat na beanntan mòr, Cruachan ’s na neòil gu h-àrd? Coireachan, frìthean, dachaidh an fhìreoin, ’S an cluinnear na h-easan a’ gàir? An toigh leat na glacagan grianach, Innisean sgiamhach nam bò, Is uamhan ’bheir fonn ri guth nan tonn? Siubhail gu Innis a’ Cheò! Tha “Matterhorn” taght’ air son chàs, Ma ’s àill leat thu fhein a mhilleadh; Ach cothrom cho saor a ghiorradh do shaoghail, Gheibh thu air Sgùr-nan-gillean, Air cladach an t-Srath chì thu ’n còs, Mar gheal shneachd reòt’ gun smàl, Le ’lochan dubh fuar, far an tig air uair Na maighdeana-mara a shnàmh. An Coir’-uisg’ chi thu ’n sud fo dhubh-ghruaim, Cul’-uamhais measg strì nan dùl; ’N uair bhriseas an torrunn le fuaim na doinionn, Is mairg nach lùbadh an glùn! Is chi thu ard-ioghnadh Chuith-Fhraing, Le bhaidealean aibheiseach mòr, ’S an Stòrr cho cas le bhinneinean glas, Eadar do shealladh ’s na neòil. Stiuir timchioll nan creagan gu h-Iar, Is chi thu ag éiridh ’s a’ chuan, Triùir Mhaighdean Mhic-Leòid a’ seasamh gu stòld’, Measg ghàirich ghairbh nan stuadh; ’S ge b’e àite an toir thu do cheum, Chì thu le ioghnadh ùr, A’ Chuil-fhionn ghorm a’ leantuinn do lorg, ’S a’ sàsachadh fradharc do shùl! ’S truagh nach robh mise na m’ Thriath, A’ riaghladh an Eilean mo chridh’, Thogainn mar b’ àbhaist o ’bhunait Dun-Sgàthaich, Is gainne na m’ thalla cha bhiodh; An sud dheanainn suidhe mar Righ, ’S cha chlaoidhinn mo shluagh gu teann, Cha togainn creach, ’s cha spuinninn neach, Ach thrusainn do’n sgoil a’ chlann! ’S ann leamsa bu mhath a bhi ann, ’S grian shamhraidh a’ lasadh an drùchd, Na m’ shìneadh air feur a’ coimhead nan neul, A’ cadal air Blàth-bheinn nan stùc; Is chithinn an ceathach a’ snàmh, ’S a’ lùbadh mu shlios nan cruach, ’S a ghnàth na m’ aire bhiodh fonn na mara, Ga m’ thàladh gu foisneach gu suain. ’S an fheasgair, ’n uair théarnas a’ ghrian, Gu rioghail ’s an Iar gu tàmh, Air mullach nam beann mar mhìle lann, Bidh boillsgeadh nan gathan àigh; ’S gach dubh-sgor a’ deàrrsadh gu cas, Fo lannair nan lasraichean òir, Gu h-àrd ’s an speur eadar talamh is nèamh— Sealladh na maise ’s na glòir! ’S taitneach, measg chomunn a’ bhlàithe, Bhi suidhe ’s mo chàirdean ri m’ thaobh, Ach na ’m bu leam iteag, ’s mi ’theicheadh an tiodadh, Do ’n Eilean Sgiathanach chaomh! An t-urram aig cathair Dhun-Eidin, ’S mi fhéin a sheinneadh a cliu, Ach thigeadh an samhradh, ’s bidh mise na m’ dheann-ruith, A’ greasad gu Eilean mo rùin! Bean Iain Ruadh. (Roy’s Wife of Aldivalloch.) Bean Iain Ruaidh an Aird-a’-bhealaich, Bean Iain Ruaidh an Aird-a’-bhealaich, ’N cual thu mar a dh’ fhàg i mi! O, ’s trom mo chridh’, rinn i mo mhealladh. Dh’ fhalt fàineadh réidh air dhath nan teud, ’S tu ’s binne beul ’s a’s milse sealladh, O chòin a rìgh! ’s tu luaidh mo chridh’, Ged thréig thu mi an deigh do gheallaidh. Bean Iain Ruaidh, &c Ceum eutrom ard, bu deas air làr, Com dhireach, àluinn, ghràdhach bhanail; Ach phòs thu bodach liath gun ghràdh, ’S a chaoidh gu brath cha ’n fhàs mi fallain. Bean Iain Ruaidh, &c. O, mile marbh-phaisg air an òr, Dh’ fhàg mi gun chòir air pòg na caileig; ’Se ’n t-airgiod cruaidh tha aig Iain Ruadh A mheall mo luaidh, ’s a dh’fhàg mi falamh. Bean Iain Ruaidh, &c. Aoidh (aig an tigh osda gu gearanach)—“Is ann anns an Fhraingis a tha clar-innsidh a’ bhidh sgriobhta.” Gille-frithealaidh.—“Coma leibhse, a dhuine; is Eirionnach an cocaire.” POSADH. —Ann am Manse St. Andrew’s, an Sidni, air an 30mh la dhe’n Mhaigh, leis an Urr. I. F. Forbeis, Alfred Seumas Whewell, Reserve Mines, agus Bridget Merritt, Lorway Mines. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99.—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichean fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin; agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 361] [Vol. 7. No. 46. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 16, 1899. NO. 46. LITIR O MHURCHADH CAM. Rinn “Cona” iomradh ’s a MHAC-TALLA, o cheann greis air ais, air an anradh a bha luchd-imrich a faotainn a tigh’n as an t-seann dùthaich anns na soithichean seòlaidh, mu ’n do thòisich na bàtaichean toit air ruith, agus gu cinnteach ’s ann da b’ fhior. Thainig a tri dheth na tubaichean dona dh’ ionnsuidh an Eilean so, anns a bhliadhna 1840. Thainig mise ann an te dhiu, agus ma thainig theab nach tigeadh. Bha sinn da sheachdain an Loch Uige, seachdain an Tobar Mhoire, agus tri latha an acarsaid Charlottetown, agus coig seachdain us tri latha gun fhearann fhaicinn. Agus mar biodh i gu mise thoirt air ais a ris do ’n Eilean Sgiathanach, cha chuirinn-sa mo chas air a clar tuilleadh. Ach ’s ann a bha mi ’dol a sgriobhadh beagan mu the dhiubh, m’an luing anaobhach Kingston, Caiptin Mann. Chuir i stigh a luchd anns a Làraich, goirid o cheann a deas Rathasaidh. Thaghail i ann a Steornabhaigh. Sheol i le luchd luachmhor—tri chiad ’us tri fichead ’s a coig do luchd-imrich, a thuilleadh air cloinn bhig. Bha i ruith a cursa leis na ghiùlaineadh i shoirbheas fabharrach as a deigh, fad tri latha gu leth. Agus ged a bha na daoine bochd air an cradh airson gun “dhealaich na cairdean ri cheile,” bha iad an dochas gu ruigeadh an long mhor America leo. Ach, mo thruaighe! cha d’ rainig; cha ruig! Dh’ eirich stoirm ghabhaidh nan aghaidh—a long ga tilgeadh suas ’us domhain sios, ’us na tuinn a dol thairis oirre;—agus, mo thruaighe! na bu mhiosa na sin uile, thoisich i air sgaoileadh; agus ged a bha ’n sgioba bochd air a phump gus an robh iad a toirt suas, ’s ann a sior dhireadh a bha an t-uisge innte! Mu mheadhon-oidhche dh’ eibh a mate ris an luchd-imrich iad a dhol suas gan cuideachadh, air neo gum biodh iad ’sa ghrunnd. Ghrad leum ochd fir dhiag a suas—’s b’e sin na gaisgich! Ach ’nuair a bha iad air an claoidh, thuig iad nach deanadh taomadh an gnothach—nach ruigeadh i America ’chaoidh! Dh’ eibh iad ris an sgiobair a cur timchioll ’s tilleadh; ach ’se nach tilleadh—an t-eucorach! ’S ann a thuirt a bheist gu robh i lethach cuain, ’s nach tilleadh ged a rachadh i fodha. Thuig iad gu robh na seoladairean deonach tilleadh; agus gu fortanach, bha seoladair treun air bord—Johnston. Dh’ eubh e ris a mhate, ’s e breith air an stiuir, “Thoir thusa dhomhsa ’n cùrsa ’s bheir mis’ air ais i, ma dh’ fhanas i ’n uachdar.” Thuirt e ris an sgiobair nan gluaiseadh e theanga gu ’n biodh e ann an iaruinn ma ’n canadh e ‘theab.’ Am feadh ’sa bha ’n upraid so air bord, bha na truaghain a bha fo rum an droch staid, a faicinn an uisge tigh’nn a staigh shios ’us shuas. Bha aon duine bochd, ’s nuair a chunnaic e poca buntàta leis a dol fodha rug e air, ga chumail ’na uchd. Dh’ eubh duine cneasda ris, “Coma leat dheth, a dhuine thruaigh! cha ’n fhada gus am bi thu féin ’s do phoca ’sa ghrunnd.” Bha bean choir—bean—’Ic Coinnich—’s aois thri miosan a leanabh aice; agus an uair bu chruaidhe ’chuis air fad thilg i ’leanabh air leaba Mhurchaidh ’Ic Mhannain, ’s dh’ eubh i ris, “Oh, Mhurchaidh, thoir sin do nèamh!” Bha fhios aig a h-uile neach gu robh Murchadh a dol a nèamh; oir, ged nach robh aon lide foghlum aige, bha moran dhe ’n fhirinn aige air chuimhne, ’s bha e cumail aoraidh moch ’us anamoch. Ach gu sgeula fada dheanamh goirid, thainig fiath, ’s chuir i h-aghaidh air an taigh, ’s cha robh chridh’ aig a sgiobair darrabheig a thighinn as a bhial; agus dh’ oibrich an sgioba gu toileach gus an d’ rainig i Steornabhaigh, far an d’ fhuair iad uile aisde sàbhailte. Lean na lamhan rithe uile ach Johnston. Rainig i air eiginn Abaraidhean; cha d’ rainig i buileach an ceidhe nuair a chaidh i sios. Dh’ fhan an luchd-imrich an Steornabhaigh gus an d’ fhuair iad soitheach ùr, laidir, Heroine, Caiptin Walker, duine math, a thug a nall iad sàbhailte. Nise, tha moran dhe na thainig a nall ’san àm ud beò fhathast ’s an sgire so (Strathalba); agus bheir mi dhuibh aon chomharradh air gur e àite fallain a tha an so—’se sin, an saoghal fada tha cuid mhor a faotainn ann. Chaochail ceathrar an so air a gheamhradh a dh’ fhalbh, ’s bha iad uil’ os ceann ceithir fichead. Tha teann air 70 bliadhna on a chaidh a chiad uaigh fhosgladh ’s a pharaiste, ’s tha mi ’n duil gur e h-aon a chaidh a chur ’sa chladh-sa fhathast a rainig an 100 bliadhna. Ach tha ’n diugh ’san sgire-sa tri fichead ’sa ceithir diag a chaidh seachad air an tri fichead bliadhna ’sa deich; tha coig diag thar fhichead dhiu sin os cionn ceithir fichead bliadhna, agus a coig dhiu os cionn ceithir fichead ’sa deich. Tha ’n aon as sine dhiubh uile ceithir fichead ’sa coig deug—Caitriana Nic Ille Mhaoil, nighean Dhomhnuill ’Ic Chalum ’Ic Iain, a thainig an so á Beinn-a-Chorrain, an sgire Phort-righ. Bha mi na comhradh o chionn ghoirid—bean choir, ghleusda, ghlic, a chuireadh rian air baile ’na latha. Thug a seanamhair deoch do bhainne blath do Phrionnsa Tearlach, ’se fo na choill air thuras a muigh ’sa mhonadh, a fagail an Eilean Sgitheanaich. Bha Caitriana pòsda aig Domhnull Domhnullach, Mac Chalum ’Ic Dhomhnuill ’Ic Iain. Slan leibh an trathsa. MURCHADH CAM. Baile-’n-Tobair, E. P. I. LITIR A NEW ZEALAND. Bha tuilleadh agam ri sgriobhadh mu’n chraoibh “chauri,” nach còir fhàgail air deireadh. Tha i a tilgeadh na cartach; cha’n ann ’na aon phlat, ach na sgealban mu mheud na boise. Ged tha i tional aig bonn na craoibhe comhla ris gach ni eile tha tuiteam uaipe, tha na h-uisgeachan ’ga ghlanadh air falbh. An am a bhi tilgeil na cartach, cha ghabh na fionanan beaga greim oirre idir, agus tha i fas suas gu glan. Tha an Kauri air a chur gu margadh ann an Sasuinn, air a shnaidheadh ceithir-oisinneach. Bha na Maoris a deanamh moran de’n obair so air son feum na dùthcha; tha am fiodh air a chur dh’ ionnsuidh nam muillnean cruinn, agus cha ’n eilear a leigeil mir dheth a dholaidh. Tha na maidean o thri gu ochd troighean trompa, agus moran dhiubh na ’s motha na sin. Tha e duilich fhaotainn a mach c’àite bheil a chraobh a’s motha fàs; canaidh fear an t-àite so, ’s fear eile an t-àite ud eile, gach fear a labhairt a reir ’eòlais fhéin. Tha craobhan ’san dùthaich so fichead troigh trompa, ach tha craobhan an California a tha moran na’s mo na sin. Tha cùnntas air duin’-uasal a chuir geall gu faigheadh e craobhan air am faodadh coig duine fichead an dinnear a ghabhail air a stoc, agus choisinn e ’n geall. Bha ceithir fichead us a dha mu’n cuairt. Tha craobh chauri air am bheil cunntas tri fichead agus seachd deug. Tha bhi cosnadh a chaurn ag iarraidh sgioba tapaidh, greimeil air son an obair a chur air adhart; tha iomadh cunnart anns an obair; tha moran sluaigh air an goirteachadh agus cuid air am marbhadh na h-uile bliadhna. Tha iomadh inneal aca air son iad fhéin a dhion o chron—tha aon inneal “Jacks” aca air son toglaichean troma—ach an deigh sin tha iad air an goirteachadh. Tha iomadh dòigh agus innleachd air am fiodh a tharruinn a mach as a choille; air talamh còmhnard theid rathad-iaruinn a thogail a dh’ ionnsuidh na h-aimhne. An àite anns nach eil ach beagan mhaidean, theid an cur car mu char ’na laidhe air maidean eile, gus an ruig ìad àite bhios air a dheanamh deiseil faisg air an amhuinn far an ruig an tuil orra. Tha dòigh eile aca ris an can luchd na coille “shooting.” Feumaidh àite cas a bhi aca air son sin, agus gu tric ’s ann aig bràigh aimhne bhios e. Theid maidean caola a cheangal gu tearuinte ri chéile ’sa dheanamh sleamhuinn le flùr us olla, a chàradh gu dòigheil taobh na bruthach, agus tha na maidean mora air an tilgeadh sios orra sin gus an ruig iad an t-uisge. Ach se an dòigh chumanta a th’aca, amar a thogail. Tha a h-uile sruthan beag ’na amhuinn anns a gheamhradh; theid na maidean fhàgail ann nuair a tha’n t-uisge iseal, agus ’nuair a thig na tuiltean bidh iad air an sguabadh air falbh, agus an t-amar gu tric còmhla riutha. Bidh soithichean beaga smùide aca air son a bhi tionol nam maidean ’nuair a tha iad air an sgapadh leis an t-sruth ’Nuair nach eil amhuinn no uisge faisg air laimh, bidh na maidean air an slaodadh a mach le daimh. Cha’n urrainnear obair a dheanamh air na maidean a dh’ easbhuidh nan “Jacks.” Bha na h-uidheamnan so aca air son luchdachadh nan soithichean-fiodha ann an St. Ann’s ri mo cheud chuimhne. Nuair bhiodh toll an t-soithich faisg air a bhi lan, bhiodh na “Jacks” aca air son na maidean ceithir-oisinneach a dhinneadh fo na sailthean. Cha’n fhaod iad an cur gu feum anns an dòigh sin an diugh; tha iad ro-throm air seann soithichean. Mur faighear am fiodh a tharuinn a mach as a choille le socair, bheir iad muileann-sàbhaidh a mach uige. Tha daoine innleachdach an so aig an robh muillean an acarsaid bheag fagus air an àite so. Chriochnaich a choille chauri dhaibh agus cheannaich iad bad coille eile faisg air baile Whangara. Bha sruthan ag éiridh faisg air an acarsaid so ach a taomadh anns a Karapara, air an taobh an iar. Bha aca ri bhi siubhal astar mor air son giulan fiodha. ’Se muillean smùide bha aca; thug iad as a chéil i, agus thug iad i ’na h-earainnean agus shuidhich iad i air talamh [TD 362] [Vol. 7. No. 46. p. 2] àrd faisg air a choille so. Rinn iad innleachd air na maidean a tharuinn an àird as a choille le cuidheal-smùide anns a mhuilinn, le ball iaruinn a shineadh a mhàn do’n choille cho fada ’sa bha maide ri fhaotainn, a ruigheachd còrr us leth-mhile. Far an robh an rathad gle chas bha ùrlar air a dheanamh de mhaidean caola, reidhe air an cur nan laidhe taobh ri taobh, ’s air an deanamh sleamhuinn le olla ’s le flùr. Bha am fiodh sàbhte air a tharuinn gu baile Whangara, mu astar ochd mile. Tha moran fiodha tighinn a mach air an amhuinn Wairoa, ann an Kaipara, acarsaid mhor an taobh siar. Tha soitheach smùide aca air an amhuinn so, air son a bhi glacadh nam maidean nuair a tha iad air an sgapadh anns an uisge fharsuinn. Tha moran de mhuillnean sàbhaidh air an amhuinn so far am bheil luingean air an luchdachadh air son Australia agus gach àite eile. Air an taobh an ear far am bheil moran de dh’ aimhnichean air feadh na tire, tha am fiodh a tha tighinn a nuas orra, air a thoirt gus na muillnean ann am baile mor Auckland. Tha na maidean air an giùlan do’n bhaile air soithichean-seòlaidh a tha freagarrach air son na h-obrach, soithichean a tha eadar leth-cheud us ceithir fichead tunna, seòrsa shoithichean ris an abair sinn scows. Tha iad sin a giùlan an luchd gu leir air an clàir-uachdair; tha iad mu choig troighean a dhoimhnead le làn luchd. Tha iad air an togail le sgiath meadhoin; tha so air a leagail a mhàn troimh mheadhon an t-soithich, ’s tha sin a cumail an t-soithich ri fuaradh ’sa deanamh obair mhath. Tha giulan mhath aca. Tha iad air an luchdachadh le maidean gu leth àird nan crann, ’nan cruaich àrd a bhios iongantach. Tha nise soithichean-smùide aca air son giùlan an fhiodha; bidh iadsan ’ga dhraghadh na ràth os an deigh. Tha a h-uile maide air a tholladh le tora tri òirlich air fhiaradh troimh cheann a mhaide; tha mir ghoirid de shlabhruidh air a taruinn troimh ’n toll so ’s air a cheangal ri slabhruidh mhor làidir os deigh an t-soithich a lion fear agus fear gus an ruig e faisg air leth-mhile air fad. Is e “Stella” is ainm de aon de na soithichean-smuide sin; rinn i so cron mor o chionn ghoirid; bhuail i ann an soitheach eile ’s an treis-meadhon, ’s chuir i fodha i. Gu fortanach cha deachaidh duine chall. Bha an “Stella” air an turus sin, a dol a mach a baile Auckland; mu fhichead mile mach thachair soitheach-seòlaidh le luchd guail oirre. Bha an “Stella” a stiùireadh direach oirre, ’sa caiptean ’sa fear-stiùiridh air mhisg ’s nan cadal. Bha an “Wattemata,” b’e sin ainm an t-soithich-sheolaidh, a seoladh leis a ghaoith, ’sa dol gu fuaradh. Thoisich an sgioba air glaodhaich le ’n uile neart, ach bu diomhain sin dhaibh oir bha sgioba na soithiche-smùide nan cadal. Nuair a chunnaic iad nach robhas a toirt feairt orra, rinn iad an geòla deiseil air son leum innte, air a cheud bhuille. Bha an “Stella” neo-chumanta furasd’ a stiùireadh; ruitheadh i astar mor gun làmh a chur air a chuidheil; mar sin thainig i fo làn astar, bhuail i innte air deireadh a chroinn mheadhoin. Ghrad leum an sgioba anns a gheòla; chaidh an “Wattemata” fodha an ceann cairteal na h-uarach. Cha robh an “Stella” a giùlan ach sianar de sgioba, luchd-obrach air son a bhi ’g obair am measg fiodha, daoine nach robh ’nam maraichean idir, ach feumaidh i nise meat, oifigeach nach robh aice roimhe, air son còrr faicill. Chaill an sgiobair a theisteannas fad da bhliadhna. Tha Alasdair, mac a’s òige Dhonnachaidh Mhic Coinnich, (“am Prionnsa”) a nise na chaiptean oirre. Phaigh luchd-seilbh na luinge gu toilichte ceithir cheud deug punnd air call na “Wattemata” ged nach robh e mar fhiachaibh orra sin a dheanamh. Cha’n fhaod mi so a leigeil seachad gun iomradh a thoirt air a “choradi.” Cha’n eil lus no duilleach a fàs ’san dùthaich cho feumail ris; tha e fàs air feadh na dùthcha air fad, ’na thomannan còrr us ochd troighean a dh’ fhad. Tha e fàs da dhuilleag còmhladh agus air cumadh truaill claidheimh, coltach ri seilisdir, ach moran na ’s àirde, agus de ghné eile. Faodaidh tu an “coradi” a tharuinn a mach ’na shreangannan caola no garbha bho cheann gu ceann. Tha e gle dheiseil do dhuine bhios a coiseachd, ma bhios e feumach air sreang, beag no mor, ma tha duine air son eallach a cheangal no air son poca mine ghiùlan dhachaidh; ma tha e am feum éill, crios mu mheadhon no mu ghuaillibh air son a bhriogais a chumail suas, cha’n eil na’s fearr; agus le snathad faodaidh e putan fhuaigheal air a chuid aodaich ’s a dheanamh gu snasail. Feumar an duilleag a ghlanadh o’n ghlaodh a tha leantuinn rithe gu nàdurrach, ’s tha e cosgail sin a dheanamh. Bidh na Maoris ’ga sgriobadh le slige, ’s mar sin a toirt air falbh gach glaodh us salchar eile bhios a leantuinn rithe, ’s ni iad e cho min ’s cho finealta ri sioda no lion. Bhiodh iad air an éideadh le aodach air a dheahamh dheth, aon bhrat air an guaillibh, agus fear eile mu’n crios mar fhéilleadh beag. Anns a chath, bhiodh iad a tilgeadh dhiubh nan guallachan, agus a dol a chogadh bloigh rùisgte. Thatar a deanamh tobhaichean dheth air son shoithichean; cha ’n eil e cho làidir ris a Mhanila, ach gle choltach ris, ’s tha e gle thric air a chur ’na àite, no tha iad air an cur còmhla, snàithnean de Mhanila agus snàithnean de “choradi,” tha e mar sin gle dhoirbh aithneachadh, agus thatar gu tric a’ mealladh nam maraichean leis. Tha obair mhor ann a bhi deanamh “coradi” deiseil air son margaidh; feumar muileann a thogail, mar is trice air a cur air obair le uisge. Bithear anns a mhuileann sin a bualadh nan duilleag, ni a tha fuasgladh gach salchair a bhios annta ’s gan glanadh; thatar an sin a sgaoileadh im air, air son a dheanamh geal. Bha pris bochd air a chloimh am bliadhna, ochd sgillinn am punnd. Tha ceithir cheannaichean àraidh an so a tha gabhail gnothuich ri reic na clòimhe. Tha a h-uile poca no ceannag air a dheanamh suas gu suasail le ainm an duine orra air dhòigh ’s gu faic na h-uile neach a tha ’n duil ceannach co tha cur suas na clòimhe. Tha tri làithean àraidh aca air son reic, ’s mu cheithir seachduinnean eadar gach aon; tha dha dhiubh seachad cheana. Tha na ceannaichean a cruinneachadh an aon àite àraidh ’s a cur chrann feuch co thòisicheas air reic. Tha h-uile neach a gabhail beachd air a chlòimh da reir a chomharraidh a tha air a phoca. Tha am fear a tha reic gu tric a gabhail na ceud tairgse gheibh e; cha’n urrainn dha feitheamh tiotadh air son tairgse eile, ach leantuinn roimhe gus an reic e am poca mu dheireadh. Tha an sin an ath fhear a reic, ’s mar sin gus am fear mu dheireadh. A cheud latha féille am bliadhna, chaidh ceithir mile poca reic leis a cheathrar, agus naodh ceud air an darna latha, ach cha bhi uiread sin air a chreic air an latha mu dheireadh. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, 20mh latha dhe’n Ghearran, 1899. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. I. Mu thuairme fichead latha seolaidh o chladach Phersia, tha eileanan anns a’ chuan mhor ris an canar, Eileanan Chlann Chaladain. Tha moran sluaigh, agus aireamh mhor bhailtean-mora anns na h-eileanan so, agus tha iad uile fo riaghladh aon righ a tha glic agus cumhachdach. Anns an am a dh’ fhalbh ’bha ’n rioghachd so fo righ do ’m b’ ainm Shasman, agus bha e ’ga mheas fhein mar righ cho sona ’s a bh’ anns an t-saoghal, do bhrigh gu’n robh sith agus soirbheachadh anns an rioghachd ri ’linn. B’ e an aon ni a bha ’g a chumail o bhith mealtainn lan shonais, gu’n robh e air fas ’na sheann duine, agus nach robh duine cloinne aige. Bha eagal air nach fhagadh e oighre dligheach ’na dheigh an uair a thigeadh a’ chrioch air. Ged a bha so a’ cur dragh air an inntinn aige fad uine mhor, cha do leig e ris ’inntinn do dhuine sam bith, gus an d’ innis e gu saor, soilleir do ’n ard-chomhairleach a h-uile rud a bha ’cur dragh air. Bu duine anabarrach glic a bh’ anns an ard-chomhairleach, agus labhair e mar so ris an righ. “Nam biodh e comasach do dhaoine le ’n gliocas agus le ’n cumhachd fhein na nithean sin a chur cheart, is docha gu’n rachadh agamsa air sibhse a riarachadh; ach tha na nithean air am bheil sibh a’ bruidhinn, agus a tha, a reir choltais, a’ cur dragh-inntinn cho mor oirbh, os cionn cumhachd agus eolas chloinn nan daoine. Is e an t-Uile-chumhachdach ’na aonar aig am bheil cumhachd thairis air na nithean sin gu leir. An uair a tha soirbheachadh aig daoine, tha iad buailteach air a bhith dichuimhneachadh Dhe; ach a chum sinne a smachdachadh, agus ar n-aire ’tharruinn g’a ionnsuidh fhein, tha e gu tric a’ cumail uainn iomadh ni bu mhiann leinn a bhith againn. Tha moran dhe ’n t-sluagh a tha fo ’r riaghladh ag aideachadh gu’m bheil iad a’ deanamh seirbhis agus aoraidh do Dhia, agus a’ fulang iomadh cruaidh-chas air a shon. Is i mo chomhairle dhuibhse deirce ’thoirt do na daoine bochda a tha ’deanamh seirbhis do Dhia, a chum gu’n cuir iad urnuighean suas as bhur leith, agus maille ribh. Faodadh e bhith gu’m bheil aon is aon ’nam measg a tha cho fior-ghlan agus cho taitneach do Dhia ’s gu’n toir e eisdeachd do’n urnuighean as bhur leith.” Dh’ aontaich an righ gu’n robh a’ chomhairle so anabarrach math, agus thug e taing do ’n ard-chomhairleach air a son. Gun dail sam bith thug e ordugh deirc thoirt do na h-uile duine a bha fo ainm a bhith naomh anns an rioghachd aige. Agus chuir e fios air na daoine a bha ann an urram ’s an ard-inbhe ’nam measg; agus an uair a ghabh iad biadh comhladh ris, dh’ innis e dhaibh an ni a bha ’na bheachd, agus dh’ iarr e orra innseadh do ’n co-bhraithrean, Fhuair an righ o Dhia am fabhar air son an robh e fhein agus na daoine crabhach ag urnuigh; agus mu ’n thainig ceann na bliadhna rugadh mac dha. Mar chomharradh air a thaingealachd do Dhia, thug e deirce as ur do gach duine crabhach a bh’ anns an rioghachd. Agus rinneadh fleadhachas mhor air feadh na rioghachd gu leir fad na seachdain air an d’ rugadh a mhac. Cho luath ’s a rugadh an leanabh, thugadh an lathair ’athar e, agus thug e Alsaman mar ainm air. Chaidh ’altrum agus ’arach leis gach aire agus curam a ghabhadh deanamh; agus an uair a thainig e gu aois sgoile, fhuaradh maighstirean agus luchd-teagaish dha a bha anns gach doigh freagarrach air a shon. An uine gun bhith fada, thuig na daoine so gu’n robh tomhas mor de gheur-chuis, de thuigse agus de ghliocas anns a’ phrionnsa og, agus dh’ aithnich iad gu’m biodh e ’na dhuine cho measail, cho chluiteach, agus cho tlachdmhor anns gach doigh ’s a b’ urrainn a bhith. An uair a thainig e gu aois fearachais, bha e ciomhlionta anns gach seorsa fiosrachaidh agus foghluim, agus bha a chainnt agus a chomhradh cho fior thaitneach ’s gu’n robh tlachd aig a h-uile duine dheth, gu sonraichte aig athair. An uair a bha mac an righ ullamh ionnsachaidh, bhuail e anns a’ cheann [TD 363] [Vol. 7. No. 46. p. 3] aig ’athair gu’m bu choir dha a mhac a chrunadh ’na aite fhein. Agus an uair a bha e ’cur a chomhairle ris an ard-chomhairleach, thuirt e, “O’n a tha mo mhac a nis lan fhoghluimte, agus gun dad aige ri dheanamh, tha eagal orm gu’n caill e e-fhein le cion obrach. Air an aobhar sin, o ’n a tha mi fhein air fas gu math aosda, agus lan am agam a’ nis curam na rioghachd a leigeadh dhiom, smaoinich mi gu’m bu choir dhomh riaghladh na rioghachd a thoirt do m’ mhac, a chum gu’n caithinn na bheil romham dhe m’ laithean ann an toil-inntinn le bhith ’g a fhaicinn-san a’ riaghladh ann am aite. Is fhad’ o ’n a thoisich mi ri rioghachadh, agus tha mi ’smaointean gu’m bheil lan am agam a nis sgur dheth.” An aite cur gu buileach an aghaidh na comhairle a chinnich ann an ceann an righ, mar a dh’ fhaodadh e dheanamh, is ann a dh’ aontaich e leis, ann an tomhas, agus fhreagair e mar so:—“Le ’r cead, a righ, cha ’n ’eil am prionnsa ach og fhathast; agus a reir mo bharail-sa, cha bhiodh e freagarrach uallach na rioghachd a chur air a ghuaillean cha trath. Tha aobhar eagail agaibh, gun teagamh sam bith, gu’m faod e tuiteam ann an iomadh droch cleachdadh le cion obrach; ach a chum nach tachair sin dha, shaoilinn gu’m bu choir dhuibh a chomhairleachadh gu posadh. Tha ’m posadh na bhann ceagail dluth eadar fear is bean, agus cumaidh e daoine o iomadh olc agus goraiche a tha buailteach do dhaoine oga. Dh’fhaodadh sibh comhairleach a dheanamh dheth, a chum gu ’m biodh cothrom aige, beag air bheag, air fiosrachadh fhaotainn mu thimchioll iomadh ni a bhuineas do riaghladh na rioghachd. Air an doigh so thigeadh e air a’ cheann mu dheireadh gu bhith lan dheas gus riaghladh na rioghachd a ghabhail ’na lamhan fhein.” Dh’ aidich an righ gu’n robh a’ chomhairle so a thug an t ard-chomhairleach air, anabarrach cothromach agus reusanta. Air an aobhar sin ghrad chuir e fios air a mhac gus tighinn far an robh e. Ged a bha mac an righ an drasta ’s a’ rithist greis ann an cuideachd ’athar, cha b’abhaist dha ’athair a bhith ’cur fios air, agus ghabh e clisgeadh an uair a chual’ e gu’n robh toil aig ’athair a bhith bruidhinn ris. Air an aobhar sin an uair a sheas e ann an lathair ’athar, chuir e failte air le mor urram, agus sheas e ’s e ag amharc air an urlar. An uair a thuig an righ gu’n robh gne de dh’eagal air a mhac, labhair e gu siobhalta ris, agus thuirt e, “Am bheil fhios agad, a mhic, c’ar son a chuir mi fios ort?” Fhreagair a mhac e gu ciuin modhail, ugus thuirt e, “Aig Dia a mhain tha fios air smaointeanan a’ chridhe. Eisdidh mi gu toileach gus an cluinn mi t-aobhar uaibh fein.” “Chuir mi fios ort,” ars’ an righ, “gus gu ’n innsinn dut, gu ’m bheil duil agam toirt ort posadh an uine gun bhith fada. Ciod e do bharail fein air a’ chuis?” Chuir an gnothach a bh’ ann a leithid de dhragh air mac an righ ’s nach robh fhios aige ciod a theireadh e. An uair a bha e tiotadh ’na thosd, thuirt. e, “Le ’r cead, tha mi guidhe oirbh gu’n toir sibh mathanas dhomh, ma tha sibh a’ saoilsinn gu’n do chuir na thuirt sibh rium ioghnadh orm. Cha robh duil agam gu’n cuireadh sibh posadh na m’ choinneamh ’s gun mi ach og. An deigh na leugh mi mu thimchioll na tha de dhragh ’s de thrioblaid an co-cheangal ri staid a’ phosaidh, agus na tha de mhnathan carach, mealltach anns an t-saoghal, cha ’n ’eil fhios agam an aontaich mi gu brath gu’m pos mi. Cha ’n ’eil fhios nach tig iomadh atharrachadh air m’ inntinn. Ach tha fhios agam gu’m feum mi uine gu smaoineachadh air na tha sibh a’ cur mu m’ choinneamh.” Chuir an fhreagairt so thug a mhac air, dragh-inntinn a bha anabarrach mor air an righ. Thuig e gu’n robh a mhac gle fhad’ an aghaidh posadh, agus ged a shug so air a bhith gle mhi-thoilichte, cha duirigeadh e radh gu’n robh a mhac eas-umhail dha. Agus idir cha tugadh e air posadh an aghaidh a thoile. Thuirt e ris nach iarraidh e air posadh an aghaidh a thoile, ach gu’n tugadh e dha bliadhna gu smaoineachadh air a’ chuis; agus gu’m b’e gliocas agus dleasdanas prionnsa mar a bha esan, a bha gus a bhith gun dail a’ riaghladh thairis air moran sluaigh, gach oidhirp laghail a thabhairt air oighre dligheach fhagail ’na dheigh; agus le sin a dheanamh gu’n tugadh e toileachadh mor dha athair, an uair a chitheadh e na h-oghachan a’ cinntinn suas mu’n cuairt dha mu ’m fagadh e an saoghal. Cha dubhairt an righ an corr ri ’mhac an lath’ ud. Leig e dha suidhe ann an comhairle na rioghachd, agus thug e dha a h-uile aobhar air a bhith riaraichte le ’staid. (Ri leantuinn.) MEASARRACHD AGUS DICHIOLL. Sgeul Fior. Aon fheasgair anns a’ bhliadhna 1797, bha coisiche sgìth, le ’chaisbheart làn duslaich, agus a cheanglachan beag thar a ghualainn, air ’fhaicinn a’ dol a stigh do bhaile mòr Leeds, taobh tuath Shasuinn. Ghlac a choslas sùil fir-còmhnuidh sa’ bhaile, a bha ’mach a’ ghabhail sràide; agus air dha ’cheasnachadh, fhuair e ’mach gu’n robh am fear-astar (a bha na fhìor òganach) na fhear clò-bhualaidh leabhraichean—gu’n d’thainig e o bhaile Phreston, ann an siorramachd coimhearsnaich—gu’n d’fhàg e àit’ a bhreith air tòir oibre—agus gu’n robh “an saoghal-mòr uile roimhe.” Dhrùigh a choltas, agus na thubhairt e, co mòr air an duin’-uasal, ’s gu’n d’thug e litir mholaidh dha ’dh’ionnsuidh aoin de cheud oifigean clò-bhualaidh a’ bhaile, far an d’fhuair e an toiseach obair an dràsd ’s a rìsd, agus na dheigh sin dreuchd seasmhach. Cha b’fhada gus an d’fhoillsich a dhìchioll e. Cha robh aige tàlannan comharraichte air bith, ach bha ceannsal mòr aìge thairis air féin, cinnteachd luachmhor, faiceallachd a’s gliocas nach robh beag, agus buanachadh a’s dìchioll neo-sgìtheach. Bha e, mar an ceudna, na fhear-trasgaidh o dheoch laidir; agus ’nuair a bhiodh mòran de ’chompanaich ’san tigh-òsda, bhiodh esan ag obair gu cruaidh, no ag ionnsachadh ni-eigin a shaoil leis a bhiodh feumail da. Dhùisg e gu luath aire a’s tlachd a mhaighistir, ’sa chuid ’sa chuid dh’earbsadh ris seirbhisean muinghin a’s creideis. Bu chòir dhuinn a radh gum b’i so oifig anns an robh, maille ri gnothuichean cumanta leithid de dh’àite, paipeir-naigheachd air a chur a mach—aig nach robh aig an àm sin ach cuairteachadh beag, agus iomradh suarach. Rinn ar laoch a rathad onorach, gus an robh e air a mheas, cha’n ann mar sheirbhiseach, ach mar charaid, agus na dheigh sin mar mhac a mhaighstir, oir bha a nighean air a toirt dha ann am pòsadh; agus bha e, uime sin, air a leigeil a stigh mar fhear-pàirt anns an obair. Riamh o na fhuair e ’stigh do’n oifig so, chaith e gu neo-sgìtheach a h-uile fàth-chothrom a b’urrainn da fhaotuinn air ’inntinn a leasachadh, agus ann am buannachadh an t-seòrsa sin de dh’fhòghlum, de dh’fhiosrachadh, ’s de shoilleireachd, ’s a shaoileadh e ’bhiodh feumail da sa’ ghne ghniomh sin a bha coltach ’aire ’thoirt an àird ’san tìm ri teachd; agus ’nuair a bha ’athair-céile air ’àireamh am measg nam marbh, ghabh e féin gun ag os-làimh cùram, stiùradh, agus deasachadh a’ phàipeir a dh’ ainmich sinn. Réitich a sheasmhachd agus a dhichioll an rathad gu h-aithghearr. Bha beachd mòr a nis air a ghabhail de’n phàipeir; ’s ged bha comhairc àrd air a thoghail ’na aghaidh, gidheadh cha bu bheag an roinn de chuideachadh a’s cùl-taic a fhuair e o’n mhòr-sluagh. Ann an ùine ghoirid, bha’m pàipeir so na inneal cho cumhachdach ’s a bha ’san rìoghachd; a’s faodar a ràdh gum b’e a threòraich an dream a b’ainmeile ’san àm. Rinn ar laoch e féin, mar an ceudna, eòlach air a h-uile ni dùthchasach anns a’ choimhearsnachd ’san robh e ’comhnuidh; agus bha e gu h-aithghearr air a mheas le spéis, urram, a’s onoir, le earran mhòr de’n luchd-àiteachaidh. A’ gabhail an àm iomchuidh, ’s a’ glacadh a’ chothrom a fhuair e ’san aimsir cheart, chuir e mach trì no ceithir de leabhraichean cudthromach do’n àite ’san robh e ’tàmh, agus feumail do’n dùthaich gu léir. Ged nach do thaisbean iad so mòran tàlainn neo-eisimeileach, gidheadh bha iad air an cur ri chéile co ealanta, agus co freagarrach do bhlas-leughaidh an t-sluaigh, ’s gu’n d’fhuair iad reic fuathasach—nì a chaidh fada gu ’chuid a mheudachadh. Fathast chum e air aghaidh. Bha ’phàipeir a sìor éiridh; agus aig àm tighinn a mach an Reform Bill, bha e féin na dhuine cho mòr, agus cho taitneach do’n t-sluagh, ’s a bha sa’ choimhearsnachd uile. B’esan, aig an àm sin, a roghnaicheadh gu suidhe anns a’ Phàrlamaid airson a’ bhaile mhòir phobullaich ’san robh e ’còmhnuidh! Dh’éirich e gu àirdead a shoirbheachaidh, a shonais, agus ’fhortain; ach cha robh nì sam bith a bheireadh air an seòrsa sin de chaithe-beatha leis an do thòisich e ’chùrs’ a dhi-chuimhneachadh. Agus ciod ris a’ bheil rath a’s àdh an duine so ri bhi air an cur as leth? Thubhairt e féin, mu choinneamh comh - chruinneachaidh mhòir gu’n robh a chinntinn-sa ’san t-saoghal so ri bhi uile air a chuir as leth measarrachd, dichill, agus moch-eiridh! Tha measarrachd a nis mòran na’s cumanta ann an ceàrnan de’n Ghàeltachd na b’àbhaist d’i ’bhi; ’s tha dochas agam gum brosnaich an sgeul beag so a’ chuid sin de na Gàidheil a tha measarra gu leanailteachd a’s dichioll na’s mò; agus iadsan nach d’fhiosraich fathast na beannachdan mòra tha ’g éiridh o mheasarrachd, tha fiòs agam nach fada gus am fairich siad iad, ma ni iad trasgadh o dheoch laidir.—Cuairtear nan Gleann. AN DA CHIOBAIR. Bha, mach eadar Lochaber agus Bàideanach, dà chiobair a bha ’nan nàbaidhean aig a cheile, agus bhitheadh an dara fear, gu bicheanta, dol a dh’ amharc air a fhear eile. Bha fear air taobh na h-iard an iar de an abhainn, agus fear eile air taobh na h-aird an ear. Thàinig am fear a bha air taobh na h-aird an iar de an abhainn a dh’ ionnsuidh taigh an fhir a bha air taobh na h-aird an ear di, air chèilidh. Dh’ fhan e gus an robh e gu math anmoch, agus bha e an sin deònach air dol dachaidh. “Tha an t-àm dol dachaidh,” ars esan. “Cha’n e sin an ni thu, ach fanaidh tu an nochd,” ars am fear eile, “o na tha e cho fada anns an oidhche.” “Cha’n fhan mi co-dhiubh; nam bithinn thar na h-aibhne tha mi coma tuilleadh.” Bha mac gu math làidir aig fear an taighe agus thuirt e, “Theid mise leat agus cuiridh mi thar na h-aibhne thu; ach is fearr dut fantail.” “Cha’n fhan mi co-dhiubh.” “Mur am fan, falbhaidh mise leat.” Dh’ éibh mac fear an taighe air galla a bha aige a’ ciobaireachd. Dh’ fhalbh a’ ghalla leis. Nuair a chuir e null an duine air taobh eile de an abhainn thuirt an duine ris, “Bi tilleadh a nis tha mi fada ’nad chomain.” Thill an gille làidir agus a’ ghalla comhla ris. Nuair a ràinig e an abhainn, agus e tilleadh (Air a leantuinn air taobh 366.) [TD 364] [Vol. 7. No. 46. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., IUN 16, 1899. COINNEAMH NA SITH. Chuir Iompaire Ruisia an uiridh litir fhada, chaoimhneil a dh’ ionnsuidh righrean ’us luchd-comhairle nan dùthchannan. B’e iarrtus an Iompaire gu rachadh feachdan an t-saoghail sios; gu rachadh stad air gach dichioll ’us deasachadh a tha na rioghachdan daonnan a’ deanamh; agus gu tugadh gach righ agus a luchd-comhairle fainear gu bheil an t-àm so freagarrach airson atharrachadh mor a dheanamh anns gach dragh, ’us cosdas, ’us iomaguin, ’us cruaidh-chas a tha ’leantuinn gach latha feachd ’us cabhlaich, ’us eud, ’us sainnt, ’us ceilg, ’us mi-onoir uachdarain an t-saoghail. Thogadh iolach-molaidh thall ’s a bhos an uair a thainig litir ghreadhnach agus chaoimhneil Iompaire Ruisia do gach tir ’us luchd-riaghlaidh. Bha e air a mholadh ’us air a bheannachadh leis gach caraid dileas, durachdach aig am bheil meas air sith, agus aig am bheil gradh iomchuidh air an t-samchair ’s an t-sonas, ’s air a’ chairdeas a bu choir a bhi eadar gach fine ’tha ’tuineachadh air feadh an t-saoghail gu leir. Tha daoine ’tha eolach air Iompaire Ruisia ’g radh gur e duine caoimhneil, baigheil, beusach a tha ann; agus nam faigheadh e ’dhoigh fein, gu bitheadh rioghachd Ruisia dileas, onorach, mar nach robh i riamh. Is e rioghachd cealgach, cuilbheartach, fealltach a tha daonnan ann an Ruisia. Tha Iompaire Ruisia ’na cheann air an Eaglais Ghreugach, agus air an aobhar so, is nos do Ruisia ’bhi ’gabhail curaim de na Greugach a bhuineas d’ a h-eaglais féin. Tha Ruisia daonnan dichiollach ann an aimhreit a dhusgadh suas, le a h-òr ’s a h-airgiod, am measg nan Turcach agus nan Armeinianach. Anns na rioghachdan a tha ’nis air an aithneachadh mar Roumania, ’s Bulgaria, ’s Serbhia, rinn Ruisia anns na laithean a dh’ fhalbh, a culaidh-mhaitheis airson aramach a dhusgadh suas an aghaidh nan Turcach, agus mar so gu faigheadh i leth-sgeul airson a saighdearan a chur do na h-ionadan sud air an robh gradh sonruichte aice, nam b’ urrainn di ’n nasgadh ri Ruisia. Tha Roumania, ’s Bulgaria, ’s Serbhia, ged nach e rioghachdan fuasach seasmhach no laidir a tha annta, a druideadh na slighe gu brath an aghaidh Ruisia, anns an iarrtus suidhichte ’tha aice ’lamh a chur, agus air sealbh fhaotainn air baile rioghail ’us snasmhor nan Turcach. Is i Ruisia, le ’cuilbheartan agus le ’feall, a chuir na h-Armeinianich gu ’n dulan, leis an dochas gu faigheadh i féin cuireadh bho rioghachdan na Roinn-Eòrpa tighinn a stigh agus greim a dheanamh air Armeinia gu leir. Aig an àm so fein, tha Ruisia ann an China carach, breugach, féineil, gun mheas air firinn no air ceartas, no air gealladh stolda air bith. Tha am measg nan Gaidheal gnath fhocal de ’n t-seorsa so: “B’ e sin faire ’mhadaidh - ruaidh air na caoraich.” Is i so ’bheachd a tha aig daoine suairce na Roinn-Eòrpa air Ruisia, ’s air gach crabhadh ’us durachd air an dean i iomradh. Ma tha Iompaire Ruisia caoimhneil, ’us onorach, ’us iarrtuiseach air maith, ’us sonas, ’us saorsa a dhaoine ’dhion agus a chur air aghaidh, is olc an airidh da rireadh, gu bheil e air a threorachadh le luchd-comhairle breugach, mi-onorach agus mi-mhuinghinneach. Tha iomadh duine ’deanamh gaireachdaich-mhagaidh, am feadh a tha e ’faicinn gu bheil rioghachdan cumhachdach an t-saoghail, gun tamh, gun sgios, a’ togail long cogaidh, agus a’ neartachadh am feachd air muir ’s air tir le dealas, ’us dichioll, ’us ealdhain, air nach robh eolas aig an t-saoghal riamh roimhe. Tha Breatunn a reusonachadh gu pongail air an doigh so, gu bheil malairt fiachail ’us tarbhach aice leis gach cearna de ’n t-saoghal; gu bheil mar so na Breatunnaich a’ trusadh moran saoibhreis gach bliadhna; ’s on dh’ fheumas na longan a tha ’giulan a mhalairt so a’ bhi air an dion air a’ chuan agus am measg fineachan ceine, thig e do Bhreatunn cuibhrionn de bheartas na dùthcha ’ghabhail, agus longan cogaidh gu leoir a thogail a bheir dion ’us tearuinteachd do mhalairt na dùthcha anns gach cearna dluth ’us fada air falbh. Tha luchd-riaghlaidh Bhreatuinn gach àm a’ deanamh oidheirp gu bi a cabhlach fein co laidir ri cabhlach da rioghachd air bith eile. Tha sluagh Bhreatuinn daonnan toileach agus faoilidh gu bi longan cogaidh lionmhor agus laidir, ’us loisgeach aca airson ainm, ’us cliu, ’s morachd, ’us cumhachd na dùthcha ’dhion agus a chumail suas aig an tigh agus thairis. Tha aig an àm so de longan cogaidh aig Breatunn, air chor ’s gu bheil daoine geura ann an Ruisia agus ann an dùthchannan eile, ag aideachadh nach ’eil ach faoineas ann a bhi ’feuchainn ri ’bhi ’cumail suas ri Breatunn, do bhrigh gu bheil comas aice la air bith a thogras i, air gach port, ’us bagh, ’us camus, ’us caol, ’us acarsaid a dhruideadh suas agus a ghleidheadh fo ’cumhachd féin, bho Lochlainn, sios air taobh an iar na Roinn-Eòrpa, ’s suas troimh an fhairge mheadhonach, gu baile mor ’us iomraiteach nan Turcach fein. A reir gach coslais cha tig moran maith no buannachd bho Choinneamh na Sith, a tha ’nis cruinn aig an Hague, anns an Olaint. Cha deachaidh fathast focal a radh gu bheil e ceart ’us iomchuidh gu sgaoileadh na rioghachdan àireamh mhor de na saighdearan dearga ’tha iad a’ cumail suas agus a’ gleidheadh ann an diomhanas. Tha moran cainnt air a cleachdadh gu bi e ’na ni gasda, tarbhach, ard ’us cliuiteach, gu teid gach connspoid, ’us iorghuill, ’us ceist dhuilich eadar na rioghachdan a chur fa chomhair daoine foghluimte, tuigseach, a reiticheas iad le gliocas, ’us ceartas, ’us caoimhneas. Tha luchd-leughaidh MHIC-TALLA, moran diu co dhiu, cosmhuil rium fein, fathast a’ gleidheadh cuimhne air an Alabama, ’s air an t-suim eagalach (tri muillion gu leth punnd Sasunnach) a fhuair na Stàidean le deoin nan daoine comasach, foghluimte, ’shuidh aig Genebha, ann an 1872, airson gach lochd, ’us call, ’us spuinneadh a rinn an Alabama air malairt nan Stàidean air na cuaintean thall ’s a bhos. An deigh do na Stàidean geill a thabhairt do gach neach a dh’ fhuiling call bheag no mhor an sud no an so, air sgath na h-Alabama ’s soithichean eile ’bha air an togail ann am Breatunn, dh’ fhan da mhuillion punnd Sasunnach; cha robh e comasach do dhaoine geur-inntinneach na Stàidean, le dichioll no le feinealachd air bith, tuille de ’n airgiod a fhuair iad bho Bhreatunn a chosd. C’arson nach tug na Stàidean an da mhuillean punnd Sasunnach so air an ais do Bhreatunn, mar a tha gach ceartas ’us onoir eadar neach ’us neach, eadar rioghachd ’us rioghachd a teagasg agus ag iarraidh. Is dona ’thig e do cheannardan nan Stàidean a tha fathast a’ gleidheadh airgid Bhreatunn uaithe, ’bhi ’deanamh fuaim ’us othail eagalaich aig Coinneamh na Sith anns an Olaint, air sgath a bhi ’tabhairt gach cuis ’s iorghuill gu breithneachadh duine no dha a roghnuicheas na rioghachdan a tha an aghaidh a cheile. Bha cruinneachadh mor agus fuaimneach ann am baile rioghail na Frainge airson cuisean a reiteachadh eadar Canada ’s na Stàidean mu ’n iasg agus mu na roin. Co fada ’s is aithne dhomhsa, cha do phàigh na Stàidean fathast an t-airgiod a bu choir doibh a phàigheadh ri Canada, a reir dearbh-bheachd ’us comh-dhunadh soilleir na cuirt a rannsaich, ann am Paris, gu mionaideach, coir ’us sealbh Chanada ’s nan Stàidean air an iasg ’us air na roin. CONA. MU SHINNSIREACHD CHLOINN-GHRIOGAIR. Thachair do dhuin’-uasal measal de ’n chinneadh so, ’tha air an àm an Lunnainn, agus a tha iomraiteach, cha ’n e mhàin ’na dhùthaich féin, ach ’san Roinn-Eorpa, airson meud ’eòlais, agus an dòigh chliùteach anns na lìon e gach dreuchd a bha an earbsa ris,—a bhi, o chionn beagan bhliadhnachan, anns an Ròimh, far na thaisbean am Pàpa (àrd-cheannard Eaglais na Ròimh) mòr choimhneas agus meas da. Bha’n duin’-uasal so ag amharc air mòran de nithe iongantach—seann leabhraichean agus nithe eile—ann an lùchairt rìomhaich a’ Phàpa; agus bha aon de phrìomh chléir an àite maille ris. An uair a chual am fear so ainm an uasail Albannaich, gum bu Mhac-Griogair e, thubhairt e ris gu’n robh mòran bàigh aig a’ Phàp’ air a’ chinneadh Ghriogarach—gu ’n robh e ’gan cunntas mar a chàirdean sònraichte, mar chloinn de ’theaghlaich féin. Dh’ fheòraich an t-uasal Griogarach dheth cionnas a thachair sin no ciod a thug air a Phàpa ’bhi co déidheil mu Chloinn Griogair. “Tha,” ars’ esan, “gu ’n d’ fhuaradh am measg seann sgrìobhaidhean, feadh leabhraichean a Phàpa, eachdraidh air an doigh anns an d’ fhuair iad an t-ainm air tùs. Mu thimchioll na bliadhna naoidh ceud gu leth (950), ’se b’ainm do’n Phàpa ’san àm sin Gregorius, no, mar a deir iad sa’ Bheurla Pàpa Gregory an IVmh. Chuir an duine ainmeil so teachdaire, no mar a deir iad, nuncio, do dh’ Albainn, a shocrachadh gnothuichean àraidh mu thimchioll nan Culdees. Bha Coinnich Mac-Alpain, rìgh na h-Alba, ’san àm sin a’ tàmh na phàluinn àrd ann an Dunnstainnis. An uair a bha teachdair’ a’ Phàpa ’fuireach maille ris an rìgh, rugadh prionns’ og; agus sheas teachdair’ a’ Phàpa mar ghoistidh do ’n naoidhean rìoghail. Thug Righ Coinnich ainm a Phàpa (se sin Griogair) air an leanabh so; agus ’sann o’n duine so, mac Choinnich Mhic-Alpain, a thainig an cinneadh ainmeil a ghabh mar shloinneadh Clann Mhic-Ghriogair. Thuirt an Tighearna Mac Neill (Lord Nelson) “bha mi a ghnath ceathramh na h-uaireach roimh ’n am, agus rinn e duine dhiom.” POSADH. Ann an Sidni, air an 12mh latha de’n mhios, leis an Urr. I. F. Forbes, Pierce Peters us Annabel Nic Coinnich. [TD 365] [Vol. 7. No. 46. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha Donnachadh Mac Fhionghain air a chur as o bhi na Phost-mhaighstir ann an Sidni Tuath, agus tha Robert Musgrave air a chur ann na àite. Tha sinn a cluinntinn gu bheil moran dhaoine air tigh’nn do shiorrachd Inbhirnis cheana a sireadh obrach air an rathad-iaruinn. Cha’n eil iadsan a tha ’ga chur air adhart air son obair a thoirt do dhuine ach do mhuinntir na siorrachd fhéin. Tha tim-chlàr an rathaid-iaruinn ri bhi air atharrachadh Di-luain s’a tighinn. Tha sinn a cluinntinn gu’m bi an carbad a fàgail a bhaile aig ochd uairean ’sa mhaduinn, agus a tilleadh aig leth-uair an deigh ochd. Bidh an carbad á Louisburg a’ tighinn a stigh roimh ochd uairean, agus a dol a mach an deigh do’n charbad eile tigh’nn air ais feasgar. Rinneadh pòsadh iongantach ann an Galena, ann an stàit Kansas, air an t-seachdain ’sa chaidh. Bha fear na bainnse tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois, agus bean na bainnse coig bliadhna fichead ’sa dha! Bha ise na bantraich an darna h-uair, agus tha naodh bliadhn’ deug air fhichead o’n chaochail am fear mu dheireadh dhe’n dithis aig an robh e pòsda. An do leugh thu na tairgsean a tha sinn a toirt seachad dhaibhsan a theid gu beagan dragha air son àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dheanamh na’s mo! Tha sinn airson an àireamh a dhùblachadh air an t-samhradh so, agus le cuideachadh ar leughadairean theid sin a dheanamh. Na dean dàil sam bith, ach feuch ri tri no ceithir de luchd-gabhail ùra fhaighinn gun leigeil le latha eile dhol seachad. Tha na h-obraichean iaruinn a nise cinnteach aig Sidni. Bha na sgriobhaidhean còrdaidh eadar am baile ’sa chuideachd a tha ’gan cur air adhart, air an deanamh Di-ciaduin. Tha na h-obraichean ri bhi air an suidheachadh air taobh thall Muggah’s Creek, agus tha na tha dh’ fhearann ris a chladach eadar seann rathad-iaruinn Louisburg agus an rathad-iaruinn dh’ ionnsuidh an International Pier ri bhi fodhpa. Tha an obair ri tòiseachadh gun dàil sam bith, agus tha tri muillean dolair ri bhi air a chosg an taobh a stigh de thri bliadhna. Bha stoirm uamhasach anns na Stàitean a tha timchioll na h-aimhne mòire Mississippi Di-luain s’a chaidh. Bha aon bhaile, New Richmond, air a sguabadh á bith, agus thatar a meas gu robh àireamh cheudan de’n t-sluaigh air am marbhadh, ach cha’n eil fhios air sin gu ceart fhathast. Cha do mhair an cyclone ach ùine gle ghoirid, ach fhad ’sa mhair i, bha i sguabadh air falbh gach tigh us eile anns an robh i bualadh. Ann am moran de na taighean a bha air an leagail, bhrist teine mach, agus bha moran nach robh air am marbhadh air an losgadh gu bàs. Cha’n eil rian air a chall a rinneadh; cha ghabh e meas fhathast. Tha cuimhn’ aig an leughadairean gu robh cogadh eadar China us Japan o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, anns an do ghabhadh air China gu dona. Comhla ris gach call eile thainig oirre, ghlac Japan an àireamh bu mhotha dhe cuid shoithichean-cogaidh. Ach a nise o’n thòisich rioghachdan na Roinn Eòrpa air bagradh China a roinn eatorra fhéin, tha Japan a tairgse nan soithichean-cogaidh a thoirt air ais dhi, air chumha gu’n cosg i àireamh mhuilleinean a togail tuilleadh shoithichean. Tha Japan air son gu’m biodh China comasach air i-fhein a dhion o na h-Eòrpaich; tha i smaoineachadh gu ’m b’ fhearr leatha mar choimhearsnach, an t-olc eòlach, China, na na h-uicl aineolach a tha bagradh tigh’nn as an Roinn Eòrpa. Tha eagal òirnn gu bheil moran de’n t-sluagh air an lath ’n diugh a call an aithne aìr an ochdamh Aithne. Gabhaidh iad paipear fhad ’sa gheibh iad e, gun iomradh a thoirt air pàigheadh. Tha an Carnival air a chur air ais seachdain; cha ’n urrainn do’n Admiral Bedford, ceannard a chabhlaich Bhreatunnaich, an acarsaid a ruigheachd cho tràth ’sa bha dùil aige. Tha i ri bhi anns an acarsaid le ceithir soithichean feasgar Di-luain, an aonamh latha deug de Iulaidh. Bidh an Carnival a tòiseachadh an ath latha. Tha luchd deanamh us reic stuth làidir a call am meas gu mor air feadh Chanada. Cha’n fhada gabhas comunn sam bith gnothuch riutha. Aig ard Lodge nan Orangemen a bha air a cumail ann an Toronto o chionn ghoirid, bha lagh air a dheanamh, a bacail duine sam bith a ghabhail a stigh aig am bi gnothuch air dòigh sam bith ri reic no deanamh stuth làidir. Thainig bàs gle aithghearr air Innseanach a bha fuireach a mach air cùl an t-Shipyard maduinn Di-màirt s’a chaidh. Fhuaireadh marbh e faisg air muileann Mhurchaidh Mhoireastain, ’s e air tuiteam le banca cas a tha an sin, ’s amhach air a bristeadh. Bha an tinneas tuiteamach air, agus cha’n eil teagamh nach e dhol ann an laigse leis a rinn e ’nuair a thuit e leis a bhanca. Nach luath a leigear daoine agus an gniomharan air diochuimhn’. Bha co-ainm latha bàis Sir Iain A. Dhomhnullaich ann o chionn ghoirid, agus cha deachaidh a chumail an dòigh sam bith eadhon ann an Ottawa, ceanna-bhaile na dùthcha anns an do shaothraich e ùine cho fada. Cha d’ rinneadh uiread us bad fhlùraichean a chur air a chlach chuimhne air cnoc na parlamaid. Chaidh gille òg d’ am b’ ainm Uilleam Bennett, aois choig bliadhn’ deug, a bhàthadh aig Amhuinn Dhennis air a cheud latha dhe’n mhios so. Bu dhilleachdan e, agus bha e a fuireach aig an Urr. Iain Ròs. Bha e falbh gu Orangedale còmhla ri Mr. Ròs agus ri Mr. Mathanach ann am bata; chaidh iad a mach le bàta raimh gu bàta mor anns an robh iad a dol a sheòladh; air dhaibh a bhi dol air bord thuit an gille dh’ an uisge. Chaidh e fodha air ball, agus ’nuair a fhuaireadh a chorp, ùine ghoirid an deigh sin, bha e air a bhàthadh. Bha an t-Urr. D. V. Lucas, D.D., á Ontario anns a bhaile air an t-seachdain so. Shearmonaich e ann an eaglais St. Andrew’s maduinn na Sabaid, ann an Talla nan Daoin Oga aig ceithir uairean, agus ’san eaglais Mheothodach feasgar. Oidhche Di-luain, liubhair e òraid air nithean iongantach a tha ri ’m faicinn ann an Australia. Liubhair e òrain eile Di-mairt, agus bha co-sheirm aig a mhac, Wilfred, oidhche Di-ciaduin. Tha Dr. Lucas na òraidiche ainmeil; cha’n eil duine ann an Canada a’s tréine na e air taobh stuaine. Tha a mhac ’na sheinneadair ’s na fhear-cluich gle mhath. Tha fear Murchadh Mac Coinnich a mhuinntir Cheap Breatuinn, ann an càs-lagha tha car neònach, ann am Boston. Bha e ’na charbadair aig Doctair C. A. Longest, ghabh e-fhéin us nighean an dotair gaol air a chéile ’s phòs iad gu diomhair. Fhuair a pàrantan-se fios air na bha ’tachairt, ach bha iad ro-anmoch air son stad a chur air a phòsadh. Ach chunnaic iad ise, agus a dheòin no dh’ aindeoin thug iad oirre dhol dhachaidh. Tha Mac Coinnich a nise an deigh ’athair-ceile chur ’san lagh air son toirt air a bhean cùl a chur ris, agus tha e ag agairt leth-cheud mile dolair. Tha e gle choltach gu’n coisinn e an càs, ach ’si bharail a th’aig daoine nach fhaigh e uiread airgead ’sa tha e ’g iarraidh. Tha Mac Coinnich naodh bliadhna fichead a dh’ aois, ’s tha e ’g obair ann am Boston o chionn ochd bliadhna. Tha an te a phòs e coig bliadhna fichead. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 366] [Vol. 7. No. 46. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 363.) air ais dachaidh bha e smaointeachadh co-dhiubh a ghabhadh e na sìnteagan, no a chuireadh e dheth a chaisbheart agus a ghabhadh e gu h-iosal. Chuir e dheth a chaisbheart eagal nan sìnteagan a ghabhail, agus nuair a bha e null anns an abhainn, leum a’ ghalla a bha leis, ann an cùl a chinn. Thilg e dheth i. Leum i a rithist. Rinn e an ni ceudna. Nuair a bha e an taobh thall de an abhainn chuir e làmh air a cheann agus cha robh bìdeag de ’n bhoneid air. Bha e ag ràdh co-dhiubh a thilleadh e dh’ iarraidh a bhoineid, no rachadh e dachaidh as a h-eugmhais. “Is ceacharra domhsa gu’n till mi dachaidh gun mo bhoineid; tillidh mi a null fathast gus an àite far an do chuir mi dhiom mo chaisbheart; is ann ann a tha amharus agam a dh’fhàg mi i.” Thill e an sin gu taobh thall na h-aibhne. Chunnaic e fear ro mhòr ’na shuidhe far an robh e, agus a bhoineid fein ’na làimh. Rug e air a’ bhoineid, agus thug e bhuaith i. “Ciod e do ghnothach-sa ris a sin?” “Is e mo chuid fein a tha ann, agus cha robh gnothach agadsa toirt bhuam, ged a tha i agad.” Null an sin, thar na h-aibhne dh’fhalbh iad, agus gun fhacal aca ri a cheile, gu fiachach, gu fuathach. Nuair a chaidh iad a null an sin, air an abhainn, chuir am fear mòr a làmh fo achlais a’ chiobair, agus thoisich e air a’ ghille a tharruing a sìos gu loch a bha an sin, an aghaidh a thoil, agus an aghaidh a neart. Sheas iad aghaidh ri aghaidh, gu treun, calma air gach taobh. A dh’ aindeoin cho làidir agus a bha mac a’ chiobair, bha am fear mòr a’ brath buadhachadh. Is e smaointich mac a’ chiobair a nis a làmh a chur timchioll air craobh daraich a bha anns an àite. Bha am fear mòr a’ strith ri a thoirt leis, agus bha a’ chraobh a’ lùbadh agus a fàsgadh. Mu dheireadh bha a’ chraobh a’ fuasgladh as an talamh. Dh’ fhuasgail i ach aon fhreumhach di. Anns an àm, an d’ fhuasgail am freumhach mu dheireadh de ’n chraoibh ghairm na coilich a bha feadh na coille. Thuig mac a’ chiobair, nuair a chuala e na coilich a’ gairm, gu ’n robh e air an taobh ghoirid de’n latha. Nuair a chuala iad eatorra na coilich a gairm thuirt am fear mòr, “Is math a sheas thu, agus bha feum agad air, airneo, bhitheadh do bhoineid daor dut.” Dhealaich am fear mòr ris, agus cha d’ fhairich iad sgàth riamh tuilleadh a choir na h-aibhne. SGEULACHD. CO MHARBH AM FIADH? LE DONULL MAC CALUM. Goirid an déigh do Chaomhan a bhi air a thoirt do’n phrìosan, ghairm Lady Myshrym, an ceannard, coinne de ’n S. D. L. (Sport Defence League) ann an seomar mòr an Star Inn. Chruinnich iad agus bha iad uile làthair ach The MacDodo. Ghabh a’ bhanntrach mhòr a’ chathair. Leugh an Rùnair, am Bàillidh, an leth sgeul so o The MacDodo—“The MacDodo presents his compliments, and, as he presides tonight at Bothen Thorcuill over a meeting of the P. S. B. (Primitive Simplicity Brethren), he wishes to be excused for not attending the meeting of the S. D. L. An deigh sin leugh an Rùnair an report so—“Secretary’s Report: Having failed to prove that Caomhan in personating the Queen of the Fairies, at the time Sir Roger was killed, was not acting in his capacity as Poacher Catcher, according to the highest legal advice, we have decided not to prosecute him for trespassing in pursuit of game.” “That’s all very fine,” thuirt Captain Goblets, “and I suppose we cannot do better than adopt the report, but I have my suspicions as to the integrity of this same Poacher Catcher Caomhan.” “It is just as I predicted, deir an Ceannard, “and I now call upon MacRain of MacRain to make the motion of which he gave notice, and which you will find on the cards calling this meeting.” “Your Ladyship,” deir MacRain of MacRain, “I beg to move that we appoint a Low-country detective, of proved ability, to watch Caomhan, with the view of convicting him if guilty.” Dh’ aontaich a’ choinne le siud agus chaidh fear Bob T. Hawch, o làimh na Galltachd, a shuidheachadh na detective do na h-uaislean. Thàinig Bob T. do’n dùthaich ann an riochd Rabbit Catcher, agus nam b’ fhìor gu’n robh a’ Bheinn-bhuidhe air a shuidheachadh air. Ach ghabh Caomhan còir droch chiatadh de ’n obair ud. Dh’ innis e bheachd do Loirean agus rinn e féin agus easan a suas-riu gu’n gabhadh Loirean air ri Bob T. gu’m b’ easan Caomhan agus nach tigeadh Caomhan na làthair idir. Cha b’ fhada gus an do chuir Bob T. Hawch eòlas air Loirean mar Chaomhan agus le cuideachadh a Ghille Bhàin, a ghabh iad nan comunn, ’s ioma là bha iad gle ròcail air siothann féidh ’us chearca fraoich. Faodaidh tu bhi cinnteach nach robh Caomhan gun a chuid aige. Mu dheireadh ’nuair a fhuair Bob T. gach ni an òrdugh mar a mhiann, air son mar a shaoil e Caomhan a ghlacadh, chaidh e far an robh am Bàillidh Mòr agus thuirt e ris—“Now, Mr. Factor, you can arrest your Poacher Catcher, Caomhan, in the very act of flaying his deer, which the Gill Bàn and myself caught with him today in the Beinn-Bhuidhe.” Dh’ fhalbh am Baillidh Mòr ’s na gillean gu tigh Chaomhain. Chuir iad a ghlas-làmh air agus thug iad leo do ’n phriosan e, an feadh a bha Loirean, gun eagal, a feannadh an fhéidh na thigh féin. Air là a mhòid chaidh Caomhan eadar da pholiceman thoirt air beuladh an t-Siora. ’Se Bob T. a chiad fhianais a chaidh a ghairm na aghaidh agus thuirt an Siora ris—“Well, Mr. Hawch, do you know this man who is accused of poaching?” “No, my Lord,” deir Bob T., “I never saw that man in my life.” “I acquit Caomhan,” deir an Siora, “without a stain on his character.” RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADHNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. [TD 367] [Vol. 7. No. 46. p. 7] COIRNEIL IAIN CAMSHROM. ’Nuair a phill reisimeid Iain an Fhasaidh-fhearna as an Spainnd, chaidh an cur gu Cork. Chuir e seachad an geamhradh 1814-5 am measg a chairdean anns a’ Ghaidhealtachd agus bha duil aige a nise comhnaidh anns an aite ’san deach ’arach fhad ’sa bhitheadh e beo. Ach air am 7mh, la dhe’n mhios Mart 1815, thainig gairm dian cabhaghch airson nan seann laoich uile chruinneachadh ri cheile aon uair eile. Chaidh an naigheachd mu ’n cuairt gu ’n do theich an t-Iompaire Napoleon as a phriosan agus gu’n robh e greasad air agaidh gu Paris. Chruinnich a sheann saighdearan uile mu ’n cuairt air le eud mhor mar a chaidh e air aghaidh, gus an robh 200,000 dhuibh ccmhla. Rinn na duthchannan mu’n cuairt air an Fhraing a h-uile ni a b-urrainn daibh airson armailt freagarrach a chur na aghaidh, agus gheall iad d’a cheile gu ’n cruinnicheadh iad 650,000 dhaoine. Bho na bha fios aig na Breatunnaich gur ann aca san a bhitheadh an call a’s no mur rachadh a chur an greim, rinn iadsan a h-uile cabhag air an armailt a chruinneachadh am Belgium. Dh’fhag Iain an Fhasaidh-fhearna ’athair aig Clach-artair an siorrachd Pheairt, agus chaidh e leis an reisimeid agus seachd reisimeidean eile gu Brussels. Bha e aig a’ bhall’ ainmeil a rinn ban-diuc Richmond air 15mh la dhe’n og-mhios. Chuir Diuc Wellington fios chuige anmoch air an fheasgar sin a bhith falbh leis an reisimeid aige gu Quatre Bras. Rainig o sin mu dha uair feasgur agus dh’fheith iad an clais aig taohh an rathaid mhoir gus an d’thubhairt Wellington ri Fasaidh-fearna e chumail nam Frangaich o dol ni fhaid’ air aghaidh air Rathad Charleroi. Cho luath s’a fhuair iad an t-ordugh leun iad uile comhla a mach air na Frangaich, ach thuit an ceannard treun le leoin bhasmhor. Aig am a bhais bha a mhisnich air a chumail suas le toirm na pioba d’an robh gradh cho mor aige, agus ni is aobhar naire do oifisearan Ghaidhealach on la an duigh, nuair a tha fios againn gun robh fhaclan mu dheireadh air radh an cainnt nam beann. An deigh a’ chogaidh chaidh a thoirt dachaidh gu Lochabar, agus a nis tha e a’ cadal anns a’ chladh aig Cille-maillidh. SANAS. Tha toil againn àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dhùblachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsean a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triùir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhéin a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-orain “Na Bàird Ghàilig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. A CHEUD neach a chuireas ugainn tri ainmean us tri dolair, no ceithir ainmean us ceithir dolair, dublaichear a dhuais. Na pos ach air son gaoil; ach thoir an aire nach gabh thu gaol ach air cuspair ionmhuinn. Shearmonaich minstear ainmeil aon mhaduinn o’n cheann teagaisg, “Tha sibh ’n ’ur clann aig an Diabhul,” agus an deigh mheadhon latha o na facail, “A chlann, bithibh umhal d’ ’ur parantan.” Tha inntinn mhor a’ deanamh tair air dioghaltas. Cha ’n ’eil esan nach gleidh run diomhair airidh air caraid a bhi aige. Tha firinn air a breith leinn; agus feumaidh sinn aineart a thoirt d’ar nadur mun crath sin dhinn ar gradh do ’n fhirinn. Cha ’n e cuibhrionn beag de ’n t-satan a th’ anns an neach a tha ’g urnuigh ri Dia agus a’ lot a choimhearsnaich. Am Feillire. IUN, 1899. 1 Dior-daoin Là Dhruimelog, 1679. 2 Di-haoine 3 Di-satharna Breith Thormoid oig Mhic Leòid, 1812. 4 DI-DONAICH II. Donaich na Caingis. 5 Di-luain 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart Brùs 1329 8 Dior-daoin 9 Di-haoine An fhéill Chaluim. 10 Di-satharna Là Ghlinn Seile, 1719. 11 DI-DONAICH III. Donaich na Caingis. 12 Di-luain 13 Di-mairt An Fhéill Chairill. 14 Di-ciaduin Là Naseby, 1645. 15 Dior-daoin 16 Di-haoine 17 Di-satharna Là Raon-Ruairidh, 1689. 18 DI-DONAICH IV Donaich na Caingis. 19 Di-luain [18] Là Bhaterloo, 1815. 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin An là a’s fhaide ’sa bhliadhna 22 Dior-daoin 23 Di-haoine An Fhéill Mhath-Luthaig. 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH V. Donaich na Caingis. 26 Di-luain 27 Di-mairt Bàs Righ Deorsa IV., 1830. 28 Di-ciaduin Crùnadh na Banrigh, 1838. 29 Dior-daoin An Fhéil Pheadair ’us Pòil. 30 Di-haoine Bàs Eoghain-na-Pillidh, 1817 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 8, U. 2, M. 6 M A’ Cheud Chairteal L. 16, U. 5, M. 32 M An Solus Lan, L. 23, U. 10, M. 6 M An Cairteal mu dheireadh L. 30, U. 0, M. 31 M C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Iarr air na Marsantan EDDY’S “EAGLE” Parlor Matches 200s. “EAGLE” Parlor Matches 100s. “VICTORIA” Parlor Matches 65s. “LITTLE COMET” Parlor Matches AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL. GUN SRAD PRONNAISG. The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 368] [Vol. 7. No. 46. p. 8] Te a’ Chuailean Bhuidhe. Tha an t-òran so air a dheanabh mar gu’m b’ann le gille òg do chaileag air an d’ fhuair e deagh eòlas air di falbh a cearn àraid de’n dùthaich so, uair no uair-eiginn, gu ruige Boston. Cadal cha dean mi, Sugradh cha dean mise; ’Nochd cha chidil mi, Cuimhneachadh air t-fhuaran. Gum beil mi fo phràmh, Air bheag càil de chuideachd; Bho ’n a dh’ fhalbh, Di-luain, Te a’ chuilean bhuidhe. Do na bhaile mhor Far bheil mòran iomairt, Chaidh mo rùn air chuairt— Dh’ fhag sin buan mo mhulad. ’S ioma nionag shuairc ’S an taobh tuath so fuireach, Dh’ aindeoin ’s na their càch Thug i bàrr orr’ uile. Fhuair i meas nach treig Agus speis gach duine, Ged bhiodh gruaim air càch’ Gheibht oirr’ fàillt is furan. Tha i bàigheil grinn ’S i cho binn ri cuthaig, Tha i caoimhneil, tlà Agus àrd ’an urram. Air an urlar réidh Tha a céum ro-ullamh, Freagairt do na cheol Bhios na meoir a cluich dhith. Ann an dreach ’s an sgiamh, Ann am meud ’s an cuma, ’S mor a tha de loinn Air a mhaighdinn luraich. Anns an riomhadh ùr Thig a’ bùthain Lunnainn, ’Coiseachd suas an t-sràid Cha bhi fàillinn cum oirr’. ’S mi nach iarradh òr Na aon stòras diomain, Ach bhi ’m bothan blàth Le mo ghràdh a’ fuireach. Bho ’n a dh’ fhalbh i ’n dé, Tha mi déurach uimpe, ’S beag tha fhios, an dràst’ Co ri ’m ghràdh tha bruidhin. Bord a’ bhata-smùid Tha mo rùn an diugh air, Mis’ an spàg a’ chroinn Is nach cluinn i guth bhuam! Och nan och! cha téid Mis air cheilidh tuilleadh, Meorachadh gun tamh Mar a bha mi ’n uiridh. Thusa thilleadh slan Do ’n tir ard dha ’m buin thu, Toilichte le d’ chuairt Gu ’r e duan gach duine. Bho nach dean e feum Dhomh bhi deurach tuilleadh, Cha chan mi an corr Ma’n dean Domhul cumha. D. D. Cumha, Fhuair am bard litir o Raonull Peutan á Gleann Comhan an Ceap Breatuinn ag iarraidh air oran cumha a dheanamh do charaid og, cliuiteach dha a chaochail beagan uine roimh sin, agus a chuir sios mar gu’m biodh e air a dheanamh leis fein. Tha Raonull na dhuine caomh-chridheach, cairdeil, agus na fhear-ciuil cho math ’sa th’ againn. Tha co-fhulangas aig a bhard ris air son bas a dheadh charaid, agus tha ’n ionnsaidh a leanas air a cur gu MAC-TALLA mar a dh’iarr e. Tha ’m bard an dochas gu ’n cord na ceithreamhan ri Raonull, agus gu ’m beill e-fein agus fhiodhull dhonn gu math na slainte. ’Se mios deireannach ’an t-samhraidh ’D’fhag ro-fhann gun sunnt mi, Ged is boidheach, glan an t’am sin Gus a Cheolraidh ’dhusgadh; Ged is mear a ruith gach alltan Leis na gleanntaibh cubhraidh, Ged is binn tha guth gach eoin Cha tog sin ceann mo ruin-sa! Aoghnais oig ’s a dheadh mhic Eobhain, ’Thogadh fonn ’s na glinn so, ’N am ’s an robh sin og na ’r slainte Ann an gradh a cinntinn; ’S leir domh ’n diugh o’n chaidh do charadh Anns na claraibh sinnte, Nach tog ailleachd th’ air aghaidh Naduir ’Mulad ’tha air m’ inntinn. Bu tu ’n companach ro-uasal, Bha do ghluasad siobhalt, Cridhe cairdeil air bheag tuasaid Cha robh fuath san tir riut; Da shuil ghlan bu mheachair tuar leam Fo’n a chuailean riomhach, Oig ’ir smearail, fhearail, fhuasgailt Bha gach buaidh a stri riut. ’S ioma latha thug sin cuairt Air feadh nam bruachan comhla, No air cheilidh ’n chuideachd uallach Mar is dual do’n oigridh; Ach a nis gur trom mo smuairean Bi’dh mi gluasad bronach, ’S am fear ’bha dileas domh ’s gach uair An diugh ’san uaigh a’ comhnuidh! Bha thu shliochd nan Gaidheal calma Bha’n an Alba ’tamhachd— Domhnullaich bu deas an armaibh ’Choisinn ainm le lamhachd; ’S fhuair thu ’n dileab a bhi dealbhach Cuimir, meanmach, laidir, Le nadur grinn ’s le tàlant cinn Mar bh’ ann sann linn an d’ thainig. ’S mor a diubhail fear do chliu-sa ’Chuir ’san uir cho ogail, Gu cas ar duthcha ’sheasamh turail Co na thu bu sheolta; Na sheasamh suas an am a chruadail Duineil, uallach, beothail, Bu mhath do ghleus le d’ ghairdein treun An am cuir eis air foirneart Cha’n ioghnadh leam ged bhiodh do bhrathair, Trom fo chradh ’s fo bhron dheth, ’S do phiuthar deurach mu do dheighinn, Fhir bu bheusach doighean; Cha tog mi fhein an diugh ri gleus Ged is aluinn speur ’us lointean, Cha toir mi speis do cheol nan teud A’s tric a ghleus mi co’ riut. Ged teid mise sios an Gleann so Cha’n e ceol a’s aill leam, Gach ’Luan us Domhnach m’inntinn bronach Cha tog ceol gu brath i! Is ged is binn tha guth gach eoin Am barraibh chrann san ard-choill, Cha dean sud feum do m’ mhulad fhein, Cha tog e ’n treun a dh’ fhag sin! CALUM NA H-AIBHNE. LEIGHEAS BUAN. Sgriobh an t-Urr. Hy. Carter, Maddock, Springfield, P. E. I., mar a leanas, ann an Iun, 1895:—“Cha ’n urrainn do m’ mhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dh’ fhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mor ’s nach b’ urrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gu ’m faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turus a ghabhadh i e nach robh e ’deanamh feum dhi, agus fada mu ’n do chuir i crioch air da bhotull bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.” Tha an litir so a nochdadh an eifeachd a th’ ann an K. D. C. agus tha’n te a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, corr us bliadhna ’n deigh so: “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slàn, ’s gu’n a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaibh e. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99.—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichean fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin; agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 369] [Vol. 7. No. 47. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 23, 1899. NO. 47. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXVIII. AIR FALBH GU DEMERARA. Ged a bha mi ’caitheamh na h-uine gu cridheal, sunndach, agus a’ fas gu reamhar, làidir, bha aon ni ann a bha ’cur dragh air an inntinn agam, agus b’e sin, cia mar a dh’ innsinn do m’ athair ’s do m’ mhàthair, gu’n robh mi gu falbh gun dàil do na rioghachdan thall? Dh’ fhaodainn, nan tograinn, an gnothach a chumail an cleith orra gus am bithinn a’ seòladh; ach cha robh mi ’smaointean gu’n robh e ceart dhomh so a dheanamh. Bha mi làn-chinnteach gu’m biodh iad an aghaidh dhomh falbh as an rioghachd. Ach o’n a gheall mi falbh, cha robh feum dhomh teannadh ri dhol ann an cois m’ fhacail, ged a bhiodh toil agam. Bha fhios agam gu’m biodh moran dhe na càirdean tuilleadh is deas gus droch sgeul a thogail air na duthchannan a tha fad as; oir bha mòran dhiubh, coltach ri faoileag an droch cladaich, a’ smaointean nach robh aite air an t-saoghal a b ’fhearr na ’n t-aite anns an robh iad fhein. Beagan sheachdainean mu’n d’thàinig an t-àm dhomh falbh, thainig Aonghais mac Alasdair Bhàin dhachaidh as a Ghalldachd. Bha esan iomadh bliadhna anns a’ cheart àite do ’n robh mise gus a dhol. Agus bha fhios agam gu’n tugadh e deadh chunntas air an àite; oir, mar a tha ’m facal ag radh, an taobh air am bitheadh e, bhiodh e ann. Cha chreid mi gu ’n d’ rinn e mòran fortain ann an Demerara; ma rinn, chosg e e. Ach bha e fhein a’ cumail am mach gu’n robh e beairteach gu leòr. Bha fhios aige mu’n d’ fhalbh e a Glasacho gu’n robh mise gus a dhol gu ruige Demerara. Cha robh e ach latha no dhà air a dhol dhachaidh an uair a chaidh e do’n taigh againn; agus cha robh e leith uair a’ comhradh ri m’ mhàthair an uair a dh’ innis e dhi gu’n robh mise gus a dhol gu ruige Ceann-a-deas America. A bharrachd air sin, mhol e an t-aite anabarrach math; agus thug e air mo mhàthair a chreidsinn, gu ’n tiginnsa air ais an ceann aireamh bhliadhnachan, agus am pailteas a dh’ òr ’s a dh’ airgiod agam. Cha do thachair dhomhsa bhith aig an taigh an latha ud; agus an uair a thainig mi dhachaidh, bha m’ athair ’s mo mhàthair diumbach gu leòr dhiom a chionn nach d’ innis mi dhaibh gu’n robh ’nam bheachd seòladh do na rioghachdan thall. Dh’ éisd mi riutha gu foighidneach, agus an uair a chuir iad crioch air na bh’ aca ri ràdh, thuirt mi riutha, gu’n robh mi gus na bha romham a dheanamh innseadh dhaibh, ach gu’n robh mi deanamh dàil gus beagan làithean mu ’m falbhainn air eagal dragh mòr a chur orra-san agus orm fhein. An uair a dh’innis mi dhaibh facal air an fhacal mar a bha eadar mi fhein ’s mo mhaighstir, is ann a bha iad mòran na bu riaraichte le cùisean na bha mi an dùil. Mu dheireadh thàinig an t-àm dhomh falbh. Bha m’ athair ’s mo mhàthair glé mhuladach a’ dealachadh rium. Cha robh ioghnadh ann. O nach robh beò aig an àm dhe na bh’ aca de theaghlach ach mi fhein, bha gràdh mòr aca dhomh. Bha iad ’gan deanamh fhein cinnteach nach fhaiceadh iad sealladh gu bràth tuilleadh dhiom. Bha iad a’ meas gu’n robh mi fada gu leòr uapa ann an Glasacho, gun ghuth a thoirt air na h-Innsibh an Iar. Bha mise mòran na bu ghoirte cridhe na bha mi leigeadh orm. Anns an àm bha aithreachas gu leòr orm air son gealltainn falbh as an rioghachd. Thòisich mi ri smaointean, gur goirid a dh’ fhaodadh trioblaid agus tinneas agus bàs tighinn air mo phàrantan, ged a bha iad aig an àm làidir, agus fallainn gu leòr ’nan coltas, agus nach robh mac no nigheann aca a thogadh no a leagadh an ceann ann an àm an tinneis agus na trioblaid. Ach o nach d’ thainig na nithean so fa chomhair m’ inntinn mu ’n do gheall mi do m’ mhaighstir a dhol do na h-Innsibh, cha ghabhadh a chùis leasachadh. Chuir mi romham, air a shon sin, gu’n deanainn gach ni a ghabhadh deanamh a chum gach comhfhurtachd a thoirt do mo phàrantan. Ged nach robh iad ann am feum air cuideachadh sam bith fhaotainn uam, dh’ fhàg mi aca a h-uile sgillinn a chuir mi ma seach, ach na bha feumail dhomh fhein gus deisealachd a cheannach air son mo thuruis do na rioghachdan thall. A bharrachd air so, dh’òrdaich mi do mo mhaighstir an treas cuid dhe mo thuarasdal a chur a dh’ ionnsuidh m’ athar a h-uile bliadhna, air eagal gu’m faodadh tinneas agus trioblaid tighinn ’nan rathad a chuireadh as an cuid, no as an taigheadas iad. Cha b’ urrainn domh an corr a dheanamh riutha. Fhuair mi gu ruige Glasacho gu sàbhailte, agus cha robh sinn fad air an rathad. Cha robh mi ach seachdain ann an Glasacho an uair a thàinig orm falbh gu ruige Libhirpul, far an robh agam ri dhol air bòrd na luinge a bha seòladh do na h-Innsibh an Iar. Bha sinn aireamh mhath de luchd turuis air bord; oir bha aig an luing ri taghal ann an caochladh aiteachan de Cheann-a-deas America. Thug sinn ùine mhath air an t-slighe; oir bha ’n t-sìde glé chiùin na uaireannan, agus cha rachadh againn air mòran astair a chur ’nar déigh. Mar a bha nàdarra gu leòr, dh’ fhàs sinn uile gu math eòlach air a cheile. Ach cha robh duine dhe na bh’ air bord bu luaithe a chuir eòlas orm na Eirionnach beag, tapaidh, deadh-chainnteach a bha ’dol do ’n àite do ’n robh mi fhein a’ dol. Bha e na chompanach cho grinn ’s cho tlachdmhor ’s cho dìleas ’s a thachair riamh rium. Cha rachadh fois air ach a’ bruidhinn air na bha e gus a dheanamh an uair a ruigeadh e thall. Bha sùim mhath air a shiubhal; ach cha robh fhios aige ciod am feum gus an cuireadh e e gus an ruigeadh e thall. Bha ’m pailteas de Ghàilig Eirionnaich aige; agus, rud a chuir ioghnadh gu leòr ormsa aig an àm, thuigeadh esan a’ Ghailig agamsa mòran na b’ fhearr na thuiginnsa a’ Ghailig aige-san. Bha de naigheachdan eibhinn aige na lionadh deadh leabhar. Agus mu dheidhinn na bha de phuirt ’s de dh’ òrain aige cha ghabh e innseadh. Agus bha freagairtean geura aige do na h-uile duine a chuireadh ceisd air. Ged a dh’ fhaodainn mòran a sgrìobhadh mu thimchioll na chunnaic, na chuala, agus na dh’ fhairich mi fad an turuis, tha mi ’smaointean nach biodh e a chum feuma dhomh fhein no do dhaoine eile. Ach tha aon ni a thachair dhuinn air an toir mi gearr-iomradh. Ged a bha an aimsir glé chiuin, briagha ré na h-earrann bu mhò dhe’n ùine a bha sinn air ar turus, thàinig stoirm oirnn a bha anabarrach mòr. Fhad ’s a bha ’n t-side briagha, ciùin, bha ’n sgiobadh agus an luchd-turuis gu léir gle chridheil, sunndach. Am measg an luchd-turuis bha aon duine—Sasunnach ma’s math mo chuimhne—a bha cumail am mach nach robh Dia idir ann. Cha’n eil mi smaointean gu ’n robh duine dhe na bh’ air bòrd a creidsinn facal dhe na bha e ag ràdh. Ach bha’n àireamh bu mhò dhe na bh’ air bòrd ag eisdeachd gu modhail ris. Bha fear is fear a’ maoidheadh breith air agus a thilgeadh an comhair a chinn leis a’ chliathaich. B’ e Tomas Murphi, an t-Eirionnach air an d’ thug mi iomradh mar tha, an aon fhear a chumadh facal ris. Ged nach robh an reusonachadh a bha Tomas a’ deanamh ris an t-Sasunnach cho ceart agus cho cothromach ’s nach fhaighteadh cearb air, gidheadh, bha’n dòigh labhairt a bh’ aige cho eibhinn ’s cho magail ’s nach b’ urrainn na daoine a bhiodh anns an éisdeachd gun iomadh gàire mòr a dheanamh. Mu dheireadh an uair a thuig e gur ann a’ fàll-mhagadh air a bha Tomas Murphi sguir e dhe chuid bòilich. Coma co dhiubh, cha robh an uine fada gus an do chuir cumhachd a’ Chruithfhir ’na thosd e. Thàinig stoirm oirnn a bha eagalach da rìreadh. Cha robh duil sam bith agam fhein gu ’n cuirinn cas air talamh bu bràth. Thainig i oirnn anabarrach ealamh. Agus ged a bha fhios aig an sgiobair gu’n robh i dlùth air laimh, agus ged a thug e ordugh teann do na seòladairean na siùil a phasgadh gun dàil, is gann a chaidh aca air am pasgadh mu ’n do shéid an stoirm cho laidir ’s gu’n saoileadh duine gu’n spionadh i air falbh gach crann, gach seol, ’s gach slat. Laidh an long uair no dhà cho mòr air a cliathaich ’s nach robh dùil againn gu’n eireadh i ’na suidhe gu bràth tuilleadh. Thug sinn uile dùil-thairis dhe ar beatha. Ach b’e am fear a bha ’cumail am mach nach robh Dia ann, an aon fhear bu mhò eagal, agus bu lugha misneach dhe na bh’ air bòrd. Bha e cho mòr air chrith leis an eagal ’s gur gann a b’ urrainn da aon fhacal a ràdh. Bha ’n duine truagh, agus b’ esan sin, air a chlisgeadh roimh an Dia a bha e ’g àicheadh beagan uine roimhe sid. Cha b’e mhàin gu’n robh eagal mòr air roimh ’n bhàs, ach bha e ’guidhe air Dia tròcair a dheanamh. Mur b’e gu’n robh fhios againn uile air na beachdan a bh’ aige, shaoileamaid gur e duine anabarrach cràbhach a bh’ ann. Ged a bha truas gu leor aig Tomas Murphi ris, cha b’ urrainn e leigeadh leis an uair a chunnaic e air a ghlùinean e, agus e ’g ùrnuigh ’s ag ochanaich. “Tha thu nis a’ creidsinn gu ’m bheil Dia ann, a dhuine thruaigh,” arsa Tomas. “Gu ma fada bhios tu dhe’n bharail sin. Is e neart na gaoithe, agus ainneart nan tonn uaibhreach a thug ort d’ inntinn atharrachadh o’n a bha mise ’bruidhinn riut mu dheireadh. Nam biodh tùr is toinnisg [TD 370] [Vol. 7. No. 47. p. 2] annadsa, mar bu choltach a bhith annad, agus mar a tha thu fhein a’ cumail am mach a bhith annad, dh’ fhaodadh tu math gu leòr a thuigsinn o’n chiùine cho math ’s a thuig thu o’n stoirm, gu’m bheil Dia ann. Ach tha thu mar a tha gu leòr eile bharrachd ort; fhad ’s a bhios gach cùis a’ dol leat a réir do mhiann, tha thu coma ged nach biodh Dia ann. Agus b’e do mhiann gun Dia a bhith ann, o’n a tha do chogais ag innseadh dhut nach ’eil annad ach am fior dhroch dhuine. Ach tha Dia ann, agus bidh fios agad air sin air do chosg latha ’s fhaide ’mach na latha ’n diugh mur cuir thu cùl ris an olc. Bu luath do theanga ’fanaid ormsa, agus air mo chompanach, an uair a chitheadh tu sinn a lùbadh ar glùinean an làthair Dhe an àm éirigh is laidhe.” Cha d’ thug an Sasunnach freagairt mhath no olc air Tomas. Cha robh fhios aige ciod a theireadh e. Gu miorbhuileach, fhuair sinn as a’ chunnart. Bha ’n long laidir, agus bha feum againne gu ’n robh. Ged a chaidh iomadh rud a bhristeadh, cha robh an dithis shaor a bh’ air bòrd fada ’gan càradh. An ceann latha no dha bha’n sgiobadh agus an luchd-turuis a cheart cho sunndach ’s cho aighearrach ’s cho beag smaointean mu dheidhinn an ath shaoghail ’s ged nach biodh iad riamh ann an cunnart am beatha chall. Is iomadh uair a bha mi ’smaointean o’n uair ud air cho cràbhach ’s a dh’ fhàsas daoine an uair a bhios iad ann an cunnart am beatha chall air muir no air tìr, agus air cho goirid ’sa bhios iad a’ dichuimhneachadh a’ chunnairt anns an robh iad. Ach an crabhadh agus an cùram anama nach fhaicear ach an uair a bhios beatha dhaoine ann an cunnart, cha mhor is fhiach e. (Ri leantuinn.) SIR EOGHANN CAMSHRON, TRIATH LOCHIAL. Earann I. Cha d’ rugadh ann an Gàidhealtachd Albainn duine a b’ urramaiche, ’na linn, ’s ’na là fein, na’n ceann-feadhna ainmeil so. B’e ’n t-ainm fo’n robh e air a chomharrachadh, “Eòghann, mac Iain Mhic-Ailein, mhic Dhòmhnuill Duibh.” Rugadh am flath àrd so ann an Caisteal Chaolchùirn, ceann Loch-Ogha, ’sa bhliadhna 1629. B’ i a mhàthair nighean do Thriath Ghlinn-Urchaidh-boirionnach àlluinn, sgiamhach, anabarrach tuigseach agus fiosrach. Chuireadh gu banaltrumachd e do thigh Fir Leitir-Fhionnlaidh—Camshronach measail—far an d’fhan e fad sheachd bliadhna. B’ e Tighearna Ghlinn-Urchaidh bu chileadair da; agus cha b’ urrainn cileadair a bhi na bu churamaiche agus na bu dìlsiche na bha e, air gach dòigh. ’Nuair a bha Eòghann òg dà bhliadhna dheug a dh’ aois, ghabh Mac-Chailean, Moirear Earraghàidheal, fo ’churam e; agus thug e leis e do dh’ Inbhiraora, far na chuir e gu sgoil e. Thachair so ’san àm anns an do bhrist an cogadh, no an ceannairc, a mach an aghaidh a’ cheud Rìgh Teàrlach. Ged nach robh teaghlach ’san rìoghachd uile is mò bha ’n comain an rìgh so na teaghlach Mhic-Chailein, gidheadh dh’ éirich iad air an àm so suas ann an ceannairc ’na aghaidh, gun suim do gach comain fo ’n robh iad. Chuir an duine seòlta tapaidh so e féin air ceann nam feadhnach a bha air éiridh ’an àr-a-mach an aghaidh an Rìgh. Air taobh an Rìgh, air an làimh eile, bha an curraidh mòr Montrose, a sheas dìleas gu bàs. Bha naimhdeas guineach eadar an dithis dhaoine so—fuath anabarrach; agus dh’ fhuiling an dùthaich airson so gu tric. Loisg Mac-Chailein gach tigh a bha air fearann Mhontrose—spùinn e leis gach spréidh—agus cha robh olc eagallach a bha’n comas duine a dheanamh nach d’ fheuch e; agus mar so bha Montrose air ’éigneachadh gus an nì ceudna a dheanamh air dùthaich Mhic-Chailein. Lìonadh e leabhar (agus is iomad leabhar a rinn e a lìonadh) cunntas mean a thoirt air gach murt, a’s àr, a’s losgadh, a’s uamhas, a thachair ’san àm so an Albainn. Bha na daoine a b’urramaiche ’sa b’ fheàrr air an cuir gu bàs—a h-uile h-aon a bha tairiseach a’s dìleas do’n Rìgh, agus cuid de mhaithean a’s de fhlaithean a b’ àirde ’s bu mheasaile, air an crochadh anns gach àite. Cha robh tlus, no tròcair, no iochd ’an cridhe Mhic-Chailein Mhòir, no ann an cridhe nan daoine ’bha maille ris. Cha robh prìosan ’san tìr nach robh lom-làn de chàirdean an Rìgh; agus cha robh droch laimhseachadh, no cruadal, a b’ urrainn an naimhdean a chleachdadh, nach d’ fheuch iad nan aghaidh. Chaidh Mac-Chailein a suas do Chìllrìbhinn, far an robh a’ Phàrlamaid chruaidh-chridheach ri cruinneachadh; agus thug e leis Eoghann òg, Triath Lochial. Chual’ an t-òganach tuigseach so gu ’n robh cuid de dh’ uaislean cothromach na tìre ann am prìosan sa’ bhaile-mhòr so, agus chuir e roimhe a dhol ’gan coimhead. Cha robh so furasda, oir bha freiceadan làidir air a’ chaisteal anns an robh iad an sàs. Ach coma co dhiùbh, dh’ fheuch e a rùn a chuir an gnìomh. Air feasgar àraidh, ’nuair a bha Mac-Chailein maille ri uaislean eile, ’s nach b’ urrainn da dol a mach, thàr Eòghann òg as a dh’ ionnsuidh a’ chaisteil. Ghairm e an t-oifigeach a bha thairis air an fhreiceadan, agus gu dàn dh’ iarr e air a leigeil a stigh a dh’ amharc Sir Raibeart Spottiswood, a bha sa’ phrìosan fo bhinn bàis. “Cha’n ’ell sin a’m’ chomas,” ars’ an t-oifigeach, “cha’n urrainn mi do ’leigeil a stigh, gun chead o Mhac-Chailein.” “Tha fios agad,” arsa Eoghann òg, “co mise. Fosgail air ball, oir a stigh theid mi!” Labhair e so air dòigh co smachdail, ’s gu’n do leig an t-oifigeach leis dol a stigh air ball. Chuir an duine measail Sir Raibeart Spottiswood fàilt air an òig-fhear le urram. “An tusa,” ars’ am fear eile, “mac mo dheagh charaid ’s mo chompanaich, Iain Mhic-Ailein, mhic Dhòmhnuill Dhuibh?—esan a chuidich le Montrose o chionn ghoirid, buaidh fhaotuinn thairis air naimhdean an Rìgh aig blàr Inbhirlòchaidh, ’sa thog a dhaoine uile as leth Theàrlaich?” Air dha innseadh gum b’ e, chuir an seann duine fàilte chàirdeil air. “Ciamar a dh’ earb do chàirdean thu,” ars’ esan, “ris an duine sheòlta, charrach, cheannairceach, Mac-Chailein—nàmhaid an Righ, a’s aobhar gach aimhreit a tha ’san tìr? Ciod a tha comasach dhuit fhaotuinn bho ’n duine sin ach ceilg, foill, buirbe, àr-a-mach, a’s ceannairce, sannt a’s mi-cheartas?’ Na dhéigh sin, dh’ fhosgail an duin’-uasal so suas do dh’ Eòghann òg cor na dùthcha—nàdur a’ chogaidh mi-nàdurra a bha ’dol air aghaidh. Mhìnich e dha gach cùis gu socrach, ciallach—òirdheirceas, cràbhachd, neo-chiontas, a’s firinnteachd an Rìgh. Chuir so uile iongantas air a’ Chamshronach òg. Dhùisg na chual’ e smuaintean ùra ’na anam. Dh’oilltich e ri giùlan nan Caimbeulach. Chuir e roimhe an tréigsinn, agus a bhi dìleas, tairiseach do ’n Rìgh, mar a bha na daoine o’n d’ thàinig e. Thug so mòr shòlas do’n t-seann laoch. Ghlac e air làimh e. “Eisd rium, òig-fhir uasail! Tha mise fo bhinn bàis. Mu ’n àm so am màireach, bithidh m’anam ann an saoghal eile; ’s cha labhair mi ach an fhirinn gu neo-chealgach. Fàg Mac-Chailein—fàg na ceannaircich fhuiltich, shanntach, a tha ’milleadh na tìre, ’s a’ miannachadh bàs an Rìgh ’sa chàirdean. Na creid na cealgairean dubha sin aig am bheil cràbhachd ’nam bilibh, a’s murt, àr, a’s àr-a-mach ’nan gnìomharran. Na creid iad—seachainn iad. Cha shoirbhich Dia leo anns an obair eagallaich air am bheil iad a’ toiseachadh—casgar iad uair no uair-eigin. Dealaich riu. Biodh thusa mar a bha iadsan o na ghineadh thu—dìleas, onorach, tairiseach; agus an Tighearna ’gad bheannachadh!” Dh’ fhan Eòghann òg maille ris gu meadhon-oidhche, ach mu dheireadh b’ éigin dealachadh. Bha na deòir air a shùilean mar a dh’ fhàg e an seòmar a’s dh’ fhairich e tograidhean àrd agus ùr a’ dusgadh ’na chridhe. Chaidh e na dhéigh sin do sheòmraichean chàich, a’ seanachas ri gach aon diubh fa leith. Mhothaich e gu’n robh iad ciuin, misneachail—gun sgàth gun eagal. “Ciod,” ars’ iadsan, “a chuireadh eagal oirnn? Tha sinn ri bàsachadh am màireach; ach ’sann ann an slighe ar dleasnais, agus seasaidh Dia sinn.” Air an là-màireach, chuireadh gu bàs iad. Bha Eoghann òg na sheasamh ann an uinneig mu choinneamh an àite, maille ri Mac-Chailein agus uaislean àrd eile de ’chàirdean—naimhdean an Rìgh. ’Nuair a bha’n gnothach cianail seachad, labhair Eoghann òg ri Mac-Chailein gu fearail. “Ciod,” ars’ esan, “is ciall da so? Ciod a rinn na daoine math ud a chuir sibh gu bàs, agus a bhàsaich, air dòigh co strìochdta, chiùin? Cha do leig sibh leo labhairt as an leith féin—dhiùlt sibh dhoibh an cead nach ’eil air a dhiùltadh do mhèirleach no do mhurtair.” Thug Mac-Chailein e stigh do sheòmar leis féin, agus rinn e na b’ urrainn da chum a’ chùis a chuir ’san dòigh a b’ fheàrr a b’urrainn da, mar leisgeul da féin ’s da chairdean. Ach ged a ghabh e gach dòigh bu sheòlta, na chéile, cha deanadh e cùis. Cha d’ thubhairt Eoghann a bheag, ach chuir e roimhe a’ cheud chothrom a ghabhail a b’ urrainn e air dealachadh ri naimhdean an Righ, agus an taobh eile, a sheas ’athair ’sa sheanair maille ri Montrose, a leantuinn uaidh so ’mach; agus, chum na crìche so, pilleadh do Lochabar co luath ’sa b’ urrainnn da, agus a dhaoine a thogail, a’s bratach rìoghail Mhontrose a leantuinn. Cha’n ’eil e ’nar comas eachdraidh nan amannan sin a chuir a siòs; ach b’ éigin do Mhontrose, am feachd a bh’ aige a sgaoileadh, le àithneadh an Rìgh. Phill Mac-Chailein d’a dhùthaich féin. Lean Seanalair Leslie e; agus ’sann air an àm sin a mhurtadh, aig Dùn-a’-mhartair, ann an Ceanntìre, a’ bhuidheann a lean Alasdair Mac-Chola. Chuireadh a h-uile mac mathar a bha’n Dun-a’-mhartair gu bàs, ach ochd pearsa deug. ’Se duine do ’m b’ ainm Maighistir Iain Nibhis, bu choireach do’n mhurtadh eagallach so. Chaidh Mac-Chailein na dhéigh sin, le ’chuid daoine, suas do Mhuideart, chum an Caisteal-Tioram a ghlacadh—an t-àite mu dheireadh ann an Gàidhealtachd na h-Alba a sheas a mach as leth an Rìgh. Thug e Eoghann òg leis. Choinnich na Camshronaich Mac-Chailein, a’s dh’iarr iad gum biodh e co math ’s an ceann-cinnidh òg fàgail ’nam measg. Cho-aontaich e. Dhealaich Eoghann òg ris, agus thug e Lochabar air maille ri ’dhaoine féin. Bha e nis ochd bliadhna deug a dh’ aois, ann an àrd a neirt, làn de spiorad ’s de mhisnich, ’sa chridhe a’ bualadh gu ni-eigin a dheanamh a leigeadh ris a dhìlseachd d’a Righ, agus do laghannan suidhichte na duthcha. B’e sin an là grianach ann an Lochabar! Chaidh an duthaich uile ’mach na ’chomhdhail, le “piob agus brataich air faiche na Lòchaidh.” Ach ’se an ni a thug sòlas d’a chàirdean, an uair a chual iad gu’n robh e air taobh an Rìgh, agus nach do chlaon Mac-Chailein air falbh e o’n t-slighe a lean na daoine o’n d’thàinig e. Chuir e seachd a chuid bu mhò de ’aimsir a’ sealgaireachd o bheinn gu beinn, a ruagadh shionnaich a’s mhadaidhean-alluidh, a bha ’san àm sin lìonmhor ’san tìr. Bha frìth fharsuing, giuthsach mhòr, aige ’an Lochabar, anns an robh féidh agus earbaichean ann an lìonmhorachd; agus ’gan leantuinn so troimh gharbhlaichean an fhàsaich, dh’fhàs e dàna, misneachail, [TD 371] [Vol. 7. No. 47. p. 3] cruadalach—a’ cur seachad na h-oidhche gu tric fo sgàil creig, le ’bhreacan uime, gun suim do dhìle no do shneachda. Bha déidh mhòr aig air a bhi ’g éisdeachd éuchdan a’s gnìomharra gaisgeil Mhontroise, ’s b’ e ’shòlas a bhi cur seachad na h-oidhche ’measg mhonaidhean Lochabair—a bhi ’cluinntinn naigheachdan nam blàr o na seann laoich a bha maille ris, agus a chuir an cogadh gu treun air taobh an Righ. (Ri leantuinn.) A ENTREVAL ANTIGONISHE. Tha latha breith na Ban-righ ’ga chumail ann an iomadh cearn de ’n t-saoghal, agus annta sin ann an iomad seol ach, tha mi-fhein lan riaraichte gu ’n do chur mi seachad a latha cho inntinneach, aighearach ri gin a chum féill. An deigh dhomh fhein ’s do Shandaidh Choinnich deoch a thoirt do ’r n-eich—cha robh biadh bhuapa—leum sinn do ’n diollaid agus thog sinn rithe gu sunndach, ar n-aghaidh air Loch an Fhomhaire, astar coig mile fichead bhuainn. Cha robh againn ach putag bheag a thoirt d’ ar steudan agus dh’ fhalbhadh iad mar na h-eòin iteig. Mar a bha sonas an dàn dhuinn co bha leathach a rathaid eadrainn agus ar cala ach an Gàidheal gasda, Alasdair an Ridge. ’S ann le mor thoileachadh, mata, a chur sinn stad air ar n-ainmhidhean ’nuair rainig sinn e. Ged nach robh ’bheag a dh’ eòlas agamsa air seach air “Bodachan a’ Ghàraidh,” “Cona,” no sgriobhadairean MHIC-TALLA, gidheadh bha misneach mhath agam gu faighinn failte agus furan, agus cha robh mi air mo mhealladh. Cha ’n ’eil neach bho ’n ghréin na ’s cairdeile, cridh-fhosgailte na ’n Gàidheal; agus gun teagamh tha Alasdair air na feadhainn a’s càirdeile dhiubh. Tha leughadairean MHIC-TALLA mar tha eolach air mar bhàrd agus arsadair Gàidhealach; ach ’sann le bhith greis na chuideachd a mhain a gheibh neach eòlas ceart air. Ni e òrain: seinnidh e iad agus cluichidh e iad ma ’s toil leat. Tha e min-eòlach air eachdraidh Albannach, agus gu h-àraid air a chuid dheth a bhuineadh do Chlann-Dhomhnuill. Ged bu taitneach comhradh Alasdair, bha againn ri ar ceann-uidhe ’ruighinn, agus ged bu leisg leinn b’ fheudar falbh. ’S ann beagan mhiltean shuas air a so, far a bheil an Amhuinn a Deas a’ sgaoileadh a mach do loch, a bha an dealbh-thire bu bhriagha a chunnaic sinn air ar turus. Air gach taobh bha a leathad ag eiridh gu réidh, riaghailteach, mar chliathaichean creathaill anns a robh an loch na suain cho sitheil ri leanabh gun aisling, gun phian. Air gach taobh chiteadh bailtean riomhach bho òg bharr gorm. Air airde air an taobh thall bha eaglais shasmhor na seasamh, mar gum bi fear-tearmainn an locha agus na dùthcha mu chuairt. Bha nise m’ inntinn a tionndadh air Loch an Fhomhaire. A dlùthachadh ris an àite so cha ’n ’eil cuimhne agam co dhiubh bu mhotha bha ’dh’ eagal no de thoileachadh orm—eagal gun fhios de ’n fhàilte a chuireadh am fomhair orm, agus toileachadh a chionn gu robh mi dol a dh’ fhaicinn ni nach fhaca mi riamh, ach ni mu ’n do chluinn mi iomad sgeulachd. Ach dh’ fhalbh m’ eagal agus mo dhòchas air an aon oiteig. Cha robh ’m fear so maireann ni ’s motha na bha fir nan sgeul fhéin. De fhreagairt a thug mo chompanach dhomh an deigh ceisd a chur air c’aite am bu ghnath leis an fhomhair tàmh, ach gu robh aig grunnd an locha ’san àite bu doimhne dhith. Dh’ fhaoidte Giant’s Lake a thoirt air loch sam ma ’s aobhar so air ainm a bhi air an àite so. Ma bha fear de na daoine mi chneasda so riamh a comhnuidh aig Loch an Fhomhaire ’s beag dha mhuinntireas a gheibhear ann an diugh. Cha robh ùine agamsa air eolas a chur air gin de mhuinntir an àite, ach teaghlach no dha de Chloinn Nèill. Bho chionn beagan ’us leth-cheud bliadhna thainig Alasdair agus Iain—Iain ’Ic Mhìcheil—á Mùideart, agus thog iad fearainn ann a so ann an siorrachd Ghuysboro, mu fhichead mile o’n cheanna-bhaile. Gheibh neach bhuapa moran fiosrachaidh mu Albainn, agus leas na dùthcha sin, aig an àm a b’ fheudar dhaibhsan a fàgail. ’Se tuathanaich dianadach, oidhirpeil a tha comhnuidh ’sa chearna so de ’n dùthaich, agus tha bhlàth sin air na bailtean aca. Tha taighean agus saibhlean matha, agus càrnan mora connaidh nan comharra cinnteach air gne nan daoine. Tha eaglais bheag, bhriagha aca a tha na càrn-chuimhne do ’n chreideamh a tha iad a cleachdadh. ANTIGONISHE. Am Maigh 31, 1899. BLAR IN’ERCHEITEIN. A mach ’sa stigh mu’n bhliadhna 1651 (mu thuaiream dà cheud gu leth bliadhna), bha Albainn ann an staid aimhleasach. Cha mhòr gu robh lagh ann, ach “a bhéist bu mhò ’g itheadh na béist bu lugha, ’s a’ bhéist gu lugha ’deanamh mar a dh’fhaodadh i.” Bha na Caimbeulaich, gu h-àraidh, a’ deanamh mòran spùilidh, ’sa togail creiche, gus am faca na fineachan eile gu robh an t-àm sreamadh a thoirt as an t-sròin aca. Anns an àm so, b’e Eachan Ruadh Mac-Illeathain a bha na thriath air Dubhairt. Am feadh a bha e tional a laoich, chum na creachadairean a smàladh, thainig gairm thuige bho a Rìgh (Rìgh Teàrlach II.) gu robh Cromwell a’ cur Albainn fas, agus e ’ghreasad air gu còmhnadh an Rìgh, gu baile Pheart. Dh’fhalbh Eachann Ruadh air ceann cuig-ceud deug Gàidheil cho àrd-inntinneach ’s cho treun ’sa sguids claidheamh á truaill. Bha ochd ceug dhiubh nan daoin’-uaisle d’a fhinne féin, fo chomannda Fir Bhròlais, mar Lieut. Colonel. ’Nuair ràinig Cromwell an Eaglais-Bhreac, chunnaic e gu robh an camp Albannach tuilleadh a’s làidir air a shon; agus thoisich e ri ’armailte ’chur thar Iomracha - na - Banrinn, gu fàth fhaotuinn orra taobh an cùil. ’Nuair chual’ an camp Albannach so, dh’òrduich iad Seanalair Holburn, le a mhìle each, Sir Eachann, agus Sir Iain Brown, gu coinneamh a thoirt doibh Choinnich na h-airm aig In’ercheitin, mu thuaiream trì mile mu thuath air Iomracha-na-Banrinn. Tharruing ìad an òrdugh blàir, agus b’e sin am blàr! Tharruing an slaoiteir agus an gealtair Holburn suas a reisimeid each an òrdugh catha; ach cha mhòr gu’n do bhuail clach ri òrd, ’nuair chuir e spuir ri ’each, ’sa theich e féin ’sa mhìle! ’Nuair chunnaic Eachann Ruadh so, chuir e ’chomhairle ri Buchanan agus Brown. Ars’ esan, “Tha iad dithis mu’n aon dhuinne; ach dè dheth sin? Thigeadh iad mar fhad chlaidheamh; cha’n eil Mac-Illeathain a’m reisimeid nach gabh dithis diùbh os-laimh.” Arsa Sir Iain Brown, “Cha’n e a mhàin gu bheil iad dithis mar aon, ach tha cothrom a’ bhruthaich aca.” “Ciod e,” arsa Sir Eachann, “a b’àill leat mi ’dheanamh? Am b’àill leat mi ’theicheadh, mar rinn an gealtair ud, Holburn? Tha onoir agus aobhar ar Rìgh r’an seasamh! Thigeadh an troitear Sasunnach,” ars’ esan, ’s e bualadh beum-sgeithe—“thigeadh an troitear Sasunnach air aghaidh; chi e nach gealtair Triath Dhubhairt no ’chuid ghillean!” Dhlùthaich na h-airm ri chéile; thòisich am batal! Bha gunnacha-mòr nan Sasunnach a nis a’ spealadh sìos na Leathanach agus nam Buchananach ’nam ficheadaibh! ’Nuair chunnaic Sir Eachann so, thilg se e féin air ceann a ghillean, agus suas am bruthach ghabh iad, an aodan an teine, gus an claidheamh-mòr fhiachainn doibh; ach bha ’n nàmhaid cho lionmhor, ’s gu’n do chuartaich siad e féin ’sa bhuidheann mar chrò chaorach! ’Nuair chunnaic buidheann a’ Bhrownich nach robh stà sa’ chùis, thionndaidh iad gach fear ceann ’eich, agus theich iad, a’ fàgail ceann an armailt air a’ bhlàr, a’ traoghadh le call fola! Dh’fhàg iad deagh Mac-Illeathain A’ cur a’ chatha ’na ònrachd. Ach rinn Eachann Ruadh suas ’inntinn an toiseach an latha nach geìlleadh ’s nach strìochdadh e. Dhlùthaich e féin ’sa bhuidheann bheag thaghta nis ri chéile, ann an sreath ceithir-chearnach, ann am meadhon an nàmhaid, ’s ’gan sgoltadh sìos gu’n rùmpul air gach buille! Anns an staid so, le 800 Leathanach agus 700 Buchananach, sheas e gun ghiorag an aghaidh 4,000 de armailte thaghta, a’ diùltadh strìochdadh! Ma dheireadh, bhrùchd, an nàmhaid, tonn air thonn, mu’n spot an robh Sir Eachann a slachdraich, ’sa chorp mar chriathair le creuchdan fuileach! ’Nuair chunnaic a laoich Leathanaich so, leum iad, fear an deigh fir, eadar e ’s na buillean; gach fear dhiùbh so mar rachadh a sgath sìos, leumadh sàr eile ’na àite, ag éigheach, “Fear eile airson Eachainn!” gus na thuit mar so ochdnar uaislean d’a chinne féin; agus thuiteadh ochd uairean a h-ochd, mar bhith air an àm so gu’n do thuit an laoch le peileir gunna chaoil, a chaidh troimh ’chridhe! B’e so an latha dubh do chlann ’Illeathain! De theaghlach an Rois a mhàin, thuit seachd fichead ceatharnach de “shliochd a’ chliadheamh iaruinn.” ’Mhuire! ’s iomadh bean-baile Dh’fhàg sud tamull na bantraich. Thuit, cuideachd, Lachlan, mac Fir Thorloisg; Iain agus Dòmhnull, mic Fir Ardghobhar; Eòghann, mac Thighearna Chola; Murcha, Ailean, Lachlann, Eòghann, agus Iain, mic Lachlain Odhair, Fear Achnacrois; Eòghan, mac Fir Eilean-na-Muc; Ailean, mac Fir nan Drimnean; Gilleasbuig, mac Fir Bhorera; Teàrlach, mac Fir In’ersgadel;—ach ciod an stà bhì gan aireamh! ’S mòr bha dh’uireasbhuidh làmh orr’, Ged thug àrdan orr’ fuireach. Thubhairt mi, b’e so an latha dubh do chlann ’Illeathain; ach b’e an latha geal d’ an sliochd e. Cha ’n eil ceatharnach a thuit an la sin nach d’ rinn fichead ceathararnach! Chhunnaic iad eisimpleir an athraichean. Thubhairt iad ’nan inntinn, “Na tugamaid masladh air an ainm!” agus ’s mòr am blàth so air rioghachd Bhreatuinn an diugh! Air mo shon féin dheth, ’nuair leughas mi mu là In’ercheitein—’nuair sheinneas mi dhomh féin na h-òrain a rinneadh do’n latha sin—cha’n e ’mhàin gu’n tòisich na deòir ri m’ ghruaidhean a threabhadh—cha’n e ’mhàin gu’n at mo chridhe—ach tilgidh mi uam an t-snàthad leibideach, agus glacam claidheamh sinnseara mo sheanar! Tha aon de na h-òrain so is fearr leam na càch gu lèir. Ar leam, ’nuair leughas mi e, gu bheil mi faicinn Eachainn Ruaidh a’ dol ’na éideadh, gu h-àraidh an rann— Chuir thu grabhailte chruadhach Air gruaig nan ciabh amlach; Lann than’ air do chruachan, ’S i na cruaidh chum a barra-dheis; Sgiath dhaingeann nan cruaidh-shnaim, Agus dual nam breac meanmnach; Agus paidhir mhath phiostal, Air crios nam ball airgiod. Agus cha’n i an ath rann is measa— Cha bu shlacan aig òinid Culaidh chomhraig a’ ghaisgich; ’Dol an coineamh do nàimhdean, Cha chrith-mhanntain a ghlac thu; ’Nuair a bhuail thu beum-sgéithe, Dh’iarradh céile Chombat riut; ’S ’nuair thug thu ’nan còmhail, Theich Holburn ’sa mharc-shluagh! Feumaidh iadsan nach cuir ’s an Earrach a bhi ’g iarraidh na deirce ’s an Fhoghar. Tha sinn a’ fòghlum ni-eigin eadhon o challdachd. [TD 372] [Vol. 7. No. 47. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., IUN 23, 1899. A’ BHAN-RIGH. Tha Bhictoria, Ban-righ Bhreatunn, ’us Ban-Iompaire nan Innsean, ceithir fichead bliadhna ’dh’ aois. Tha dha ’s tri fichead bliadhna on chaidh a crùnadh, agus a thòisich i air rioghachadh thairis air rioghachd farsuing, foghainteach, cumhachdach Bhreatuinn. Cha robh ach caileag òg innte ’n uair a thainig i gus an inbhe àrd, urramach, mhorail a bhuineas fathast di. Ma dh’ fhaoidte nach robh righ no ban-righ riamh roimhe a shealbhaich, ré da ’s tri fichead bliadhna, onoir ’us ughdarras rioghail thar tir air bith. Nochd ar ban-righ ’us chuir i an gniomh daonnan, beusan suairce, giùlan geamnuidh, gliocas stuama, gradh ceanalta, ’s baigh laghach, chaoimhneil. Bha i ’na bana-charaid dhileas do gach comhluadar a tha measail, ceart, glan aillidh. Cha d’ fhuair ’na cùirt neach no ni nach robh iomchuidh ’us geamnuidh aoidheachd no fardach riamh. Ann am Prionnsa Albart, a céile, bha aice duine tapaidh, ealanta, rioghail agus uasal ann an seadh sonruichte. Thug e moran cuideachaidh dhi anns an obair chudthromach, iomadach a tha aice r’a dheanamh anns an t-suidheachadh oirdheirc a tha i ’lionadh. Is e da rireadh prionnsa àluinn a bha ann an céile na ban-righ. Bha inntinn laidir, theoma aige. Bha speis anabarrach aige do gach ni ’tha boidheach, ’us do gach inneal ’us innleachd a bhuilicheas maith ’us soirbheachadh air rioghachd ’us daoine air bith. Aidichidh neach a ghabhas dlùth bheachd air eachdraidh agus air beatha a phrionnsa gu lionadh e fein cathair rioghail gu glic, gu measail ’us gu tabhachdach. Bha ’bhan-righ agus a h-iochdarain uile fortanach ’us sona do bhrigh gu do phòs i prionnsa co maiseach, tuigseach, onorach, a lion an t-àite duilich a bhuineadh dha anns an rioghachd le meas ’us miadh, gu neo-chearbach, gu faicilleach, agus gu neo-choireach. Tha faisg air da fhichead bliadhna on thainig crioch air reis a’ phrionnsa, ’s on chaill a bhan-righ le saighead geur a’ bhàis, a céile àluinn, a companach stolda, dileas, agus a fear cuideachaidh easgaidh, onorach. Bha gradh domhain, dlùth a nasgadh na ban-righ agus a’ phrionnsa r’a cheile. Thainig neul ’us smuairean air agh ’us sonas na ban-righ, nach deachaidh fathast gu buileach seachad, on chaochail am prionnsa am feadh a bha e fein agus ise ann am meadhon an treoir ’s an làithean. Bha ceithir mic agus coig nigheanan aca. Tha aon mhac agus aon nighean tosdach ann an suain a’ bhàis. Fhuair a’ bhan-righ cheana iomadh dearbhadh muladach gu buin trioblaid, ’us amhghar, ’us call cairdean do ’n inbhe ’s airde co math ris an inbhe a’s ilse am measg a’ chinne-daoine. Tha ’bhan-righ, le caoimhneas ’us co-fhaireachduinn a tha fior-thaitneach agus airidh air cliu, daonnan a’ gabhail beachd orrasan am measg a h-iochdaran air an tig sgiorradh no tubaist bhronach air bith. Dhearbh i air iomadh doigh gu bheil cridhe caoimhneil, tairis aice, ’s gur e ’miann eolas a ghabhail ’us briathran laghach a labhairt ’us comhnadh a dheanamh orrasan ’us leo-san a tha ’fulang anshocair no cruaidh-chais. Tha inntinn gheur, ghasda, ’s breithneachadh sonruichte aig a’ bhan-righ. Cha ’n ’eil a lathair an diugh righ no ban-righ aig am bheil fiosrachadh agus eolas co farsuing, mionaideach air gnothuichean ’us cuisean diomhair ’us follaiseach an t-saoghail ’s a tha aig Bhictoria. O thus a laithean air an righ-chathair, bha luchd-comhairle uasal, firinneach, dileas ’us foghluimte aice. Am measg rioghachdan an t-saoghail gu leir, tha luchd-comhairle Bhreatuinn a’ mealtuinn an àite ’s modh ’s a’s cliuitiche airson gliocais, ’us eud, ’us onoir, ’us uaisle, ’s mor-inntinneachd. Ann an doigh thoileach, thogarrach, thug a luchd-comhairle ’m beachd ’s am foghlum do na bhan-righ anns gach ceist dhuilich a thainig riamh f’a comhair. Tha i-féin ri saothair gun stad, gun sgios, agus thrus i eolas agus comas nach ’eil gann, mu na doighean, a’s fearr airson trioblaidean nan rioghachdan a reiteachadh ’s a chiuineachadh. Bha meas mor aice daonnan air sith, ’s air gach sonas ’us beannachadh a tha ’leantuinn sith. Cha do ghabh i tlachd aig àm air bith ann an cogadh no ann an stri nan lann, fiosrach mar tha i air gach leon, ’us creuchd, ’us call, ’us marbhadh, ’us deuchainn a tha dluth-cheangailte ri cogadh. Tha e fior gu robh iomadh cogadh aig Breatunn ri ’chur on thainig a’ bhan-righ gus an righ-chathair. Is ann gu miorbhuileach fein a dh’ fhas rioghachd ’us ughdarras Bhreatuinn on thoisich i air rioghachadh. Anns gach cearna de ’n t-saoghal—ann an Asia, leis na h-Innsean iomraiteach; ann an Africa, le tìr bheartach na h-Eiphit, ’us le comhnardan ’us ionmhas na h-airde deas; ann an America tuath ’us deas, le Canada ’s a h-iar-thuath an - mhor, ionmhasach, maille ri Eileanan Bhreatuinn fein, tha beusan na ban-righ air am moladh, agus tha umhlachd air a tairgseadh di fein ’us d’a h-uachdaranachd, ’us do na laghannan cearta ’us fior a tha ’luchd comhairle thall ’s a bhos a dealbh. Agus ged tha sinn gu dligheach measail air a bhan-righ, agus taingeil do bhrigh gu robh ’us gu bheil i glic, curamach, carthannach, ’us gu bheil i fathast treun agus a’ mealtuinn slainte mhath, cha tig e duinn di-chuimhne ’dheanamh gu bheil a’ bhan-righ na didean do ’n t-saorsa mhor, bhunaiteach, do na laghannan seasmhach, sealbhach, agus do na cheartas ’us do ’n fhireantachd airson am bheil rioghachd Bhreatuinn cliuiteach ’us sona thar rioghachdan na talmhainn. Is e dùrachd MHIC-TALLA ’s mo dhùrachd, gu bi Breatunn anns gach cearna eudmhor airson na corach, ’us a’ cheartais, ’us na firinn; ’us nach tig smal air suaicheantas glan ’us dealrach na dùthcha sud a ghleidh a’ bhan-righ co grinn, snasmhor, eireachdail, le ’dùrachd ’us a dichioll fein ré da ’s tri fichead bliadhna. Tha ’bhan-righ a nis ann am feasgar a làithean. Tha dochas laidir againn gu faic i iomadh latha grianach, sona fathast, agus gu bi comas air a bhuileachadh oirre righ-chathair Bhreatuinn a lionadh le urram ’us moralachd ré iomadh bliadhna. Bithidh iomradh taitneach ’us cairdeil air a dheanamh oirre fein, air a rioghachadh gasda, tarbhach, tairis, agus air an t-soirbheachadh iongantach a rinn Breatunn am feadh a bha stiuir na rioghachd agus an riaghlaidh ann an lamhan uasail Bhictoria. Tha sinn ann an Canada mar is cubhaidh dhuinn, fior-mheasail air a’ bhan-righ, agus gle thoilichte do bhrigh gu bheil sinn air ar nasgadh le ceanglaichean baigheil graidh ri Breatunn, agus fo ughdarras na ban-righ. Tha dochas laidir againn uile, an uair a ruigeas grian beatha ar ban-righ àm an anmoich, gu teid i fodha gun neul, no stoirm, gun dorchadas, ann an solus maoth, glan, boidheach, ciuin, a dh’ fhagas samchair air mile cnoc, ’us caol, ’us cathair; air mile cridhe ’s anam. CONA. ’S fearr dol timchioll na tuiteam ’s an dìge. Carnival Samhraidh Shidni. AIR Iulaidh 12, 13 & 14, 1899. BIDH Soithichean Cogaidh BREATUNNACH, FRANGACH & GEANCACH a lathair a ghabhail pairt. Cuiridh Ramhaichean a’s fhearr ’s a’s ainmeile an Canada Reisean AGUS Bidh Duaisean o $200 sios gu $50 air an toirt seachad. REISEAN EILE aig bataichean beag us mor—le aon ràmh, da ràmh, us ceithir ràimh; reisean thubaichean; reisean snàimh, &c., air son am bi Buinn-Chuimhne Oir us Airgiod air an toirt mar dhuaisean. Reisean Sheoladairean bhar nan soithichean-cogaidh; duaisean o $30 gu $10. Bataichean Iasgaich Reis sheolaidh, deich mile dh’ astar. Duaisean $59 gu $25. Reis Iomairidh, $10 agus $5. Bataichean Philots—ceithir ràimh—$30 agus $15. Bataichean Philots air an iomaireadh le gearradairean guail—ceithir ràimh—$30 agus $15. AIR TIR bidh Reisean Rothairean; Ruith; Leum Ard; Leum Fada; Tilgeadh na Cloiche Neirt; agus gach cluich eile dhe ’n t-seorsa sin. Coimh-cheol Bhand. OBAIR THEINE Soillseachadh anns an Acarsaid leis na Soithichean Cogaidh; Teintein Eibhneis; Soillseachadh mor anns a bhaile, &c., &c. Fosgladh na Pairc Throtaidh BIDH FARADH ISEAL air na carbaid-iaruinn ’s air na bataichean-smuide. [TD 373] [Vol. 7. No. 47. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh Donnachadh Domhnullach, gille beag, aois naodh bliadhna, a bhàthadh ann a Lingan Di-màirt s’a chaidh. Chaidh e fhéin us gillean eile mach le bàta, agus chaidh am bàta thairis orra, ’s bha iad uile air an tilgeadh dh’ an uisge. Fhuair càch gu tir, ach bha esan air a bhàthadh. Bha seirbheis aig ar caraid, Maighstir Raonull Dùghallach, Sagart Thorburn, air an t-Sabaid s’a chaidh ann an Reserve Mines, far an do chuir e seachad beagan lathaichean còmhla ri Maighstir Ruairidh. Bha searmon Beurla aige aig àm na h-aoifhrinn, agus searmon Gàilig aig àm na h-ùrnuigh fheasgair. Bha sluagh mor an làthair aig an da sheirbheis. Cha d’ fhuair Murchadh Mac Coinnich, a chuir athair-céile ’san lagh, ann am Boston, an ceartas ris an robh dùil aige. Dh’fhairtlich air an jury aontachadh mu’n chàs aige, agus cha d’ fhuair e sgillinn dhe’n leth-cheud mile dolair a bha e ’g agairt, fhathast co-dhiù. Tha pàrantan na mnath’ aig a deanamh a mach gu’m b’ann dha deòin a rinn i fhàgail, agus nach robh coire sam bith ri chur orra-san. Tha Murchadh bochd mar sin air fhàgail gun mhnaoi gun airgead. Tha moran de chomuinn uaigneach am measg nan Chinese anns gach àite ’sam bheil iad ri ’m faotainn. Tha mòran de na comuinn sin aca ann an San Francisco, agus tha iad nan cùis eagail do na daoine ’s fhearr nam measg fhein. Tha iad air tòiseachadh air na comuinn sin a chur air chois ann am bailtean Cholumbia Bhreatunnach, ach tha luchd-riaghlaidh na roinne sin a cur rompa bacadh a chur orra air ball. Bidh e na’s usa dhaibh an cumail as na an cur as ma gheibh iad ùine air a fàs làidir. ’Se ar caraid, Ailean Mac Gilleain, ann a Halifacs, a chuir ugainn a cheud cheithir ainmean us dolair luchd-gabhail ùra, a reir nan tairgsean a bha air an deanamh anns an da àireamh mu dheireadh. Choisinn e mar sin duais dhùbhailte, da bhliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhéin, agus da leabhar “Na Bàird Ghailig.” Tha sinn an dòchas gu’n gabh àireamh mhor de ar leughadairean ris na tairgsean a tha sinn a thoirt dhaibh, agus gu’m bi àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA air a meudachadh gu mor air an t-samhradh so. Na’m biodh beagan cheudan de leithidean Ailein againn, dheanadh iad obair mhor anns an dòigh so. Tha an cogadh anns na h-Eileanan Phillipianach a’ sior dhol air adhart, agus ged a chluinnear an dràsda ’sa rithist gu bheil na reubaltaich gu striochdadh, cha’n eil iad a deanamh sin, ’s cha mho a tha moran dhe choltas orra. Cha ’n eil seachdain a dol seachad gun iad a chur blar ri arm nan Staitean, agus mar is trice tha iad a mharbhadh àireamh de na saighdearan, Di-luain s’a chaidh bha blàr aca anns an deachaidh tri air fhichead de na saighdearan Geancach a mharbhadh. Fhuair na Stàitean air adhart gu math ann an Cuba ’s am Porto Rico, ach cha d’ fhuair iad air adhart anns na Phillipines ach gle mheadhonach. Thachair sgiorradh muladach anns a bhaile feasg Di-satharna, a dh’ aobharaich bàs nighinn bhig, aois thri bliadhna, le Alasdair Martuinn. Bhatar a glanadh an taighe, agus bha teine beag air a dheanamh air cùl an taighe anns an robhas a losgadh gach ni a bha iad air son a chur as an rathad. Chaidh an dithis chloinne an rathad an teine ’nuair nach robh mu’n cuairt ach iad fhéin, agus ghabh aodach Robetta ’s bha i air a losgadh gu dona mu ’n d’ fhuair a màthair tigh’nn ga sàbhaladh. Chuireadh fios air an Dotair Mac Gille-bràth air ball, agus rinn e na b’ urrainn e air a son, ach a dh’aindeoin na rinneadh, chaochail i mu thri uairean maduinn na Sàbaid. Tha co-fhaireachdainn nan coimhearsnach uile aig Mr. Martuinn ’s a bhean, ’nan trioblaid chruaidh. Call Mor Am Meinn Chaledonia. Thachair sgiorradh uamhasach ann an Mèinn Chaledonia maduinn Di-haoine s’a chaidh, leis an do chaill aon duine deug am beatha. Bhrist teine mach anns a mhèinn agus bha da spraidheadh ann, aon mu cheithir uairean, agus aon eile mu uair an deigh sin. Bha sgioba dhe na daoine, air dhaibh a thuigsinn nach robh gach ni ceart, a tigh’nn as a mhéinn, nuair a thachair am manager, Tomas Johnson, orra, agus air iarrtus-san chaidh a chuid bu mhotha dhiubh air ais a chum casg a chur air an teine, ach cha do thill duine dhiubh beò. Bha Johnson, a reir coltais, air a mharbhadh le neart an spraidheidh, agus bha na daoine eile air am mùchadh leis an after damp. Chaidh na cuirp a thoirt gu uachdar an talmhainn cho luath ’sa b’ urrainn daoine dhol sios. ’Se so ainmean nan daoine a bha air am marbhadh:—Tomas Johnson, Niall Domhnullach, á Stellarton, Iain Doyle agus a mhac Somhairle, Alasdair Domhnullach á Ceap Nòr, Domhnull Màrtuinn, Padruig Gillios, Steaphain Mac Cormaic, Calum Mac Amhlaidh, Ruairidh Dùghallach, Artar Grannd, agus Uilleam Simpson. Tha corp Dhomhnuill Mhartuinn gun fhaotainn fhathast; thugadh corp Neill Dhomhnullaich dhachaidh do Stellarton, le a bhràthair, D. F. Domhnullach, maduinn Di-satharna; bha ’n naodhnar eile air an tiodhlacadh la na Sàbaid, latha cho muladach ’sa chunnacas ann an Ceap Breatunn riamh. Bha domhlachadh mor sluaigh cruinn as gach cearna mu’n cuairt, a taisbeanadh an co-fhaireachdain do chàirdean na muinntir a chaill am beatha air dòigh cho cianail. Tha a mhèinn fhathast na teine; bhatar an toiseach an dùil nach gabhadh an teine cur as idir, ach thatar dhe’n bheachd gu’n gabh casg cur air an ùine ghoirid, agus gu’m bi a mhèinn air a sàbhaladh. Tha an call uamhasach an deigh co-fhaireachduinn dhaoine dhùsgadh anns gach àite, agus cha’n eil teagamh nach deanar sin a nochdadh gu follaiseach le cuideachadh a thoirt dhaibhsan bha’n earbsa air son an arain làitheil air na daoine chaill am beatha. Thainig fios o’n Bhan-righ, troimh ’n Ard-Riaghladair Minto, Di-satharna, ag aithris a duilichinn, agus ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu na thachair. A Hogamah. Thugadh dhachaidh gu Loch Ainslie, an la roimhe, corp bean Chaluim Mhic Gillemhaoil, a chaochail ann an Springhill, N.S., o chionn ghoirid. Bhuineadh i do thaobh an ear an Locha, agus bha i air a tiodhlacadh anns a chladh an sin. Buinidh a fear-pòsda do’n àite cheudna. Tha an t-Urr. Alasdair Ros, ministear a pharaiste so, an dràsda aig coinneamh Ard-Sheanaidh na h-eaglais, ann a Hamilton, an Ontario. Fhad ’sa bhios e air falbh, tha na ministearan a leanas gu searmonachadh ’na àite:—’na h-Urramaich Alasdair Grannd, Hogamah; Domhnull Domhnullach, Strath-Lathuirn; Niall MacMhuirich, Loch Ainslie; agus Domhnull Mac Leoid, na Narrows Bheaga. Chaidh teine chur a mach ann an Gleann Ainslie o chionn ghoirid a rinn call nach bu bheag mu’n d’ fhuaireadh a chur as. An deigh dha dhol tarsuinn a bheinn, a losgadh na coille bha roimhe, rinn e greim air fensichean Alasdair Dhomhnullaich air Mullach Hogamah, ’gan losgadh air fad. Ghabh an tigh ann a dha no tri dh’ àiteachan, ach fhuaireadh a chur as mu’n d’ fhuair an teine greim ceart air; ach chaidh an sabhal a losgadh gu làr. Rinn an teine milleadh mor air a chuid feòir cuideachd. POSADH. Air an 20mh latha dhe’n mhios, ann an tigh Thormaid Mhic Leoid, an Sidni, leis an Urr. I. F. Forbes, Iain Stiùbhart, Cox Heath, ri Anna Mhoireastan, Amhuinn Shidni. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an earrach so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co. an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 374] [Vol. 7. No. 47. p. 6] Is minic a bha guaillean teine ann an sgornan gobhainn, agus bu ro thaitneach leis a smàladh as le uisge ni ’s treasa na uisge fionnair an tobair. Air là àraidh chòmhlaich gobhainn na sgireachd am ministeir, agus thachair gu ’n robh an rathad-mòr rud beag cumhann dha; gidheadh, chuir e failte air a’ mhinisteir, a thubhairt ris, “O Sheumais, a Sheumais, tha mi ro bhrònach ’fhaicinn gu’m bheil thu air tòiseachadh air do sheann chleachdadh a ris, dh’ aindeoin nam bòid a thug thu gu minic seachad. Ciod a dh’ éireas duit, a dhuine thruaigh, agus ciod a tha thu ’cur romhad a dheanamh de ’n bhallachan gille so agad—brogach glan, tapaidh, gleusda gu’n teagamh?” “Ma ta, a mhaighstir chòir, tha mi ’cur romham a dheanamh dheth ni nach urrainn thusa, ged is duine-uasal, fiosrach, fòghluimte thu, a dheanamh dhe d’ mhac féin.” “Ciod sin, a Sheumais, innis domh, innis domh air ball, ciod sin?” “Ma ta, le’r cead, a mhinisteir,” ars’ an gobhainn le fiamh-’ghaire, “tha mi ’cur romham duine a dheanamh dheth mòran ni ’s fearr n’ a athair!” Bi-sa bochd, agus buanaich ann, ’òganaich, an uair a ta muinntir eile mu’n cuairt duit a’ fàs saibhir trid foirneirt agus foill.—Bi-sa gu’n chumhachd, am feadh ’sa ta sluagh eile ag éiridh suas air slighibh sleamhuinn na h-eucorach. Fuiling gach àmhghar a dh’éireas o mhealladh-dochais, agus gnàthaich foighidin, an uair a ta cuid eile a’ dol air an aghaidh gu goileamach, miodalach, seolta! Paisg thu féin suas ’n ad’ shubhailc féin agus na cùm comunn ach ri fior charaid, “oir sgriosar companach nan amadan.” Iarr t-aran laitheil agus air a shuarraichead, bi tàingeil, toilichte leis. Ma dh’ fhasas tu aosmhor, liath, air an t slighe urramaich so, dean gairdeachas, agus do’n Ard-Righ thoir fior thaingeileachd do chridhe! Bha seann Chailleach ann am Bàideanach, agus cha ’n fhaiceadh i tiodhlacadh a’ dol seachad, nach sineadh i air gal ’s air buladh nam bas. Latha dhe na laithean bha chailleach aig ceann a taighe, a’s ciod e chunnaic i ’dol seachad ach pòsadh. Cha robh a fradharc ach mall, a’s dé shaoil leatha bha i ’faicinn ach tiodhlacadh. “O!” ars ise, ’s i ’bualadh nam bas, ’Siod an t-slighe air an teid sinn uile!” Feudar Firinn, Subhailc agus Sonas a bhi air am faineachadh o chéile, ach cha ’n urrainn iad a bhi air an eadar-dhealachadh. Theid iad mar pheathraiche gràdhach, dlùth-dhaingnichte r’a chéile, agus a’ boillsgeadh soluis na diadhachd ann an cridhe an duine. Ann an taigh àraid ’an Lochbhraoin, thachair dithis amadanan a bhi air an oidhche, agus chuireadh do ’n aon leabaidh iad. Cha do sguir iad fad na h-oidhche ach a’ sabaid airson co ’m fear de’n dithis a bhiodh ’s a’ mheadhon. Bha ann an eilean Ile, fear Iain B., a bha ’n a mhaor gruinnd’ aig an t-seumarlan suas rathad a’ Ghlinne. ’S e Iain a bhiodh a’ gabhail pàidheidh an Rathaid Mhòir. Bha e ’n a dhuine geur, bàrdachail; agus do aon neach thug e an receipt a leanas:— “Fhuair mis’ o Dhonnacha Blar Ceithir chlàr naoi sgillean, ’Dhol a phàidheadh ’n Rathaid Mhòir ùir, Nach do shuidhicheadh air idir!” Feudar an éiginn a bh’ air an t-seumarlan nach tuigeadh Gàilig ’n a strì so a dheanamh a mach a thuigsinn ’nuair a thug Donnacha dha an receipt. Bha Iain deònach air gu’n cuireadh e ’n cuimhne ’n t-seumarlain cruas a bhi ’pàidheadh air son rathaid nach do rinneadh. Bha duine bochd ann an Glineilg a bha comharraichte air son teanga sgainnealach agus thachair dha—gu tubaisteach—gu’n dh’ fhàs a bhial goirt, a’s bu mhiann leis a dhol do’n taigh-eiridin a dh’ fheuch am faigheadh e leigheas. Chaidh e air tùs a dh’ionnsuidh a’ mhaighstir-sgoile air son teisteanais, agus fhuair e ’n teisteanas a leanas.—“Duine bochd aig am bheil droch bhial.” Na fàg ni sam bith gun dheanamh a tha freagarrach ann an cùis n’an obair a tha dligheach a bhi deanta. Measar cumhachd an duine leis an nì air am feud e ionnsuidh a thabhairt. Airgiod agus Uine.—Aig airgiod agus ùine tha mòran an luach féin. Cha’n urrainn an tì a chuireas an t-aon gu droch bhuil, an t-aon eile ’chur gu deagh bhuil. Cha’n eil duine ann cho suarach ’na chaith-beatha ’s nach feud a ghiùlan a bhi chum lochd d’a choimhearsnach. Cuidichidh biorana beaga ni ’s fearr na feadhain mhòra chum an teine ’bheothachadh. Is minig a bha droch laogh aig deadh mhart. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. [TD 375] [Vol. 7. No. 47. p. 7] SEUMAS III, RIGH NA H-ALBA. Rugadh Righ Seumas III, anns a’ bhliadhna 1453, agus fhuair e crun na h-Alba ann an 1460. ’Na oige chaidh gnothichean na rioghachd a stiuireadh le Morair Boyd, ard-easbuigean Ghlaschu agus Chill-Ribhinn, agus casbuig Dhuin Chaillinn, daoine a rinn cordadh Siochail ri Sasunn airson coig bliadhna deug. Phos an righ Mairghread nighean Righ Lochlainn air 13mh dhe’n mhios Iuchar, 1469, agus mar thochraidh fhuair e na h-eileanan Arcamh agus Seatlainn air an ceangal ri crun na h-Alba gu brath. Dh’fheuch Seumas mar a dh’fheuch ’athair roimhe ri cumhachd nam morairean a bhriseadh, agus fhad ’sa rinn e tair air na daoine a’s airde ’san rioghachd, bha e ag earbsadh an comhairle daoine iosal. Rinn a dithis bhraithrean, Alasdair diuc Albani, agus Iain Iarla Mhair feall-chomhairle na aghaidh le feadhainn eile, ach fhuair an righ fios air a ghnothach agus chaidh an dara fear a mharbhadh, agus bha Alasdair air a thilgeil ann an caisteal Dhun Eideann. Theich e as a sin gu Righ Iomhar IV. Shasuinn, agus thill e le armailt mhor fo diuc Ghloucester. Bha feum aig an righ an nis air cuideachadh a mhorairean, agus fhad’ sa bha iad sa’ champ faisg air Lauder, chuir iad rompa cairdean an righ a chur as uile gu leir. La a bha sud bhrist Iarlachan Aonghais, Hunndaidh, agus Lennox a staigh do sheomraichean an righ agus chroch iad a chairdean uile, ach an ridir Iain Ramsaidh. Bha’n righ fhein a nis ’na phriosanach an lamhan a mhorairean, agus chaidh a dhunadh a stigh air caisteal Dhun Eideann bho churam Iarlachan Buchain agus Atholl. Fhuair e ma sgaoil an uine ghoirid, agus bha feall chomhairlean eile air an deanamh na aghaidh, agus ghabh a mhorairean a mhac, nach robh ach 16 bliadhn’ a dh’aois, agus thubhairt iad gu’n deanadh iad esan na righ na aite. Theich Seumas do’n taobh tuath far an do chruinnich e armailt de 30,000 fear. Thachair an da armailt air a cheile aig Sauchie, faisg air Sruighleidh, 11mh la dhe ’n Iuchar, 1488. Theich an righ agus chaidh a mhortadh le duine a bha cur an ceill gu’n eisdeadh e ri faoisid aige an taigh faisg air a’ bhlar. Nithe Nuadh agus Sean. Is math an tom air am bi sealbh. Is fuar leabaidh gun cho-leabaich. Is fearr an giomach na bhi gun fhear. Is sleamhuinn leachd doruis an tigh mhoir. Is beag a th’eadar do ghal ’s do ghaire. Is math an inn’ean a chlach, gus an ruigear i. Is i mathair easguidh a ni ’n nighean leasg. Is fearr fuineadh thana no bhi gun aran idir. Is soimich fear fearann, is sona’ fear ceirde. Is duilich burn glan a thoirt a tobhair shalach. Is fearr deathach an fhraoich no gaoth an reota. Is fearr teachd an deire cuirm no’n toisich tuasaid. Is mor a dh’fhuilingeas cridhe ceart ma ’m bris e. Is minic a bha comhairle righ an ceann an amadain. Is ioma ni thig air an laogh, nach do shaoil a mathair. Is e ’n cunntas ceart dh’fhagas na cairdein buidheach. Is fearr teine beag a gharas, na teine mor a loisgeas. Is fearr aon tigh air a nighe no dha-dheug air a sguabadh. Is fearr lan an duirn de cheird, no lan an duirn de dh’or. Is eigin gabhail le each mall o nach fhaighir n’s fhearr. Is leasg le leisgein dol a luigh, is seachd leisge leis eirigh. Is lag gualainn gun bhrathair ’n am do na fir teachd a lathair. Is ann an ceann bliadhna dh’innseas iasgair a thuiteamas. Is mairg a shineadh lamh na h-airce do chridhe na circe. Is sona’ gach cuid an commuin, is mairg a chromadh na aonar. Is furas fuil a thoirt a cean carrach; is gal’ a thoirt air craos cam. Is ionan aithreachas criche, is a bhi cuir siol ma fheil-martain. Is beo duine ’n deigh a sharach’, ach cha bheo e an deigh a narach’. Is olc an fheoil air nach gabh salan; is meas a cholunn air nach gabh guth [comhairle.] Am Feillire. IUN, 1899. 1 Dior-daoin Là Dhruimelog, 1679. 2 Di-haoine 3 Di-satharna Breith Thormoid oig Mhic Leòid, 1812. 4 DI-DONAICH II. Donaich na Caingis. 5 Di-luain 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart Brùs 1329 8 Dior-daoin 9 Di-haoine An fhéill Chaluim. 10 Di-satharna Là Ghlinn Seile, 1719. 11 DI-DONAICH III. Donaich na Caingis. 12 Di-luain 13 Di-mairt An Fhéill Chairill. 14 Di-ciaduin Là Naseby, 1645. 15 Dior-daoin 16 Di-haoine 17 Di-satharna Là Raon-Ruairidh, 1689. 18 DI-DONAICH IV Donaich na Caingis. 19 Di-luain [18] Là Bhaterloo, 1815. 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin An là a’s fhaide ’sa bhliadhna 22 Dior-daoin 23 Di-haoine An Fhéill Mhath-Luthaig. 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH V. Donaich na Caingis. 26 Di-luain 27 Di-mairt Bàs Righ Deorsa IV., 1830. 28 Di-ciaduin Crùnadh na Banrigh, 1838. 29 Dior-daoin An Fhéil Pheadair ’us Pòil. 30 Di-haoine Bàs Eoghain-na-Pillidh, 1817 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 8, U. 2, M. 6 M A’ Cheud Chairteal L. 16, U. 5, M. 32 M An Solus Lan, L. 23, U. 10, M. 6 M An Cairteal mu dheireadh L. 30, U. 0, M. 31 M Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. SIDNI, C. B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Iarr air na Marsantan EDDY’S “EAGLE” Parlor Matches 200s. “EAGLE” Parlor Matches 100s. “VICTORIA” Parlor Matches 65s. “LITTLE COMET” Parlor Matches AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL. GUN SRAD PRONNAISG. The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 376] [Vol. 7. No. 47. p. 8] SGIALACHD NA TROIDHE. An Dara Duan. AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH LE EOBHAN MAC LACHAINN. Taisbeanadh an Fheachda; agus aireamh nam fineachan Greugach agus Troidheach. Dhùin gach creutair talmhaidh ’n rosg, Slòigh ’us eachraidh chaidil seamh, Na dé bhuan na ’n cathraichean òir, Iar claon-aomadh gu ceò-phramh. Bha Iobh ’na aonar gun suain, ’Inntinn mhòr fo gluasad bras, Gu cliu thoirt do ’n Aicheall threun, ’S do ’n arm Ghréugach léireadh cas. Comhairl’ iomchuidh dhùisg ’na cheann, Bruadar meallt’ a thogail suas, ’Chur gu righ na Gréig’ a mhiann,— ’S dh’ eubh e ’n Sgail am briathran luath: “Grad-imich, a Bhruadair fhaoin, Dh’ fhios a’ chabhlaich aig raon Thròidh; Do shiol Atreuis, righ nam feachd, Thoir mion sgeul air reachd mo bheòil. Tairngeadh e fo ’n airm gun dail, Sliochd na Gréige ’s arbhuidh cùl; Glacaidh e ’n stuaidh fharsuing ard, ’S sgapaidh na liath-charn ’s an ùir. Bho ’n rinn Iùno ’n urnaigh chruaidh, Tha ’n t-aon rùn aig sluagh nan speur; Thuit Tròidh gu buileach fo bhinn, ’S thig maom-sgrios air linn nam béud.” ’N uair chriochnaich e, leum an Sgail, Sios ’na still gu traigh nan long; Fhuair e ’n righ a’s teach na bhùth, Fo mhin-dhrùchd, ’s e ’n cadal trom. Sheas an dealbh os cionn a chinn, An riochd Nestoir bu bhinn glòir,— Sean-Nestor a ghléidh a ghaol, Thar gach aosda ’measg a shlòigh. An sin labhair Taisbean nan speur— Shoillsich aithn’ an dé do ’n t-shonn: “Am fois dutsa, ghaisgich thréin, ’Ur-mhic Atreuis nan steud lom? Dim-brigh do chomhairleach glic Do ’m buin cùram bhlar a’s fheachd, ’S miltean slòigh ag earbs’ á thaic Cian-chaidreamh an cadal leisg. Eisd gu mion-bheachdaidh ri m’ sgeul— ’S mi teachdaire dhé nan dia; Bho ’n ’s mor a thruais diot, a’s ’uigh, D’ ardachadh an cliù, ’s e mhiann. ’S aill leis thu ghrad-thoirt gu blar Sliochd na Gréige ’s arbhuidh cùl. Glacaidh tu ’n stuaidh fharsuing, ard, ’S sgapaidh na ’liath-charn ’s an ùir. Bho ’n rinn Iùno ’n ùrnaigh chruaidh, Tha ’nt aon run aig sluagh nan speur. Thuit Tròidh gu buileach fo bhinn, ’S thig maom-sgrios air linn nam beud. Gabhsa suim de reachd an dé; Smid dhe ’m bheil mo bheul a’ luadh, Fiach nach leig mi-sgainn air chul, ’N uair dh’ fhògrar bho d’ shuil ant shuain. Rainig na facail a’ chrioch, ’S grad as ’fhianuis thriall an sgleò. Dh’ fhag e ’n righ ri innleachd cuim, Ag cur mhiltean luim air seol. Bi dhuil gu ’n leagtadh na ’carn Daingneach Thròidh, an la sin fhéin. Umaidh nach d’ fhisraich mar bha, ’S ciod bu brigh do dhàn nan speur. Gun smaoin air cho lionmhor cràdh, Osna, ’s téinn, a’s blar, a’s éug. Bha gu teachd air an da shlògh, An strith chian nan comhrag geur. ’S an àm iomchuidh dhùisg an treun, ’S ghrad-eirich ’n uair thréig a shuain; Thar leis gu ’n robh ’n Taisbean àigh A’ sìr-chagar tlath na chluais. Shuidh e direach ’s dhuin mu ’chliabh. A mhin-fhalluinn chiatach, nuadh; ’S thilg e thair uachdar os cinn, Earradh mor bu rioghail tuar. Mu ’dha chois chumadail, chruinn, A bheairt shoilleur shnaim e teann; Claidheamh reul-airgiodach grinn, Chroch sgibidh ri thaobh bho ’n bhoinn. Colbh athraichean treun’ ’na dhorn, Slat-riaghailt nan gloir bith-bhuan: Dh’ fhios a’ chabhlaich stiuir e cheum— Tuineadh Gréugaich nan arm cruaidh. Dh’ eirich maduinn òg nan driuchd ’Na ’soillse gu lùchuirt Iòbh; ’S thair comhnuidh aluinn nan dia, Sgaoil i ’brat de ’nialaibh òir. Chuir an righ air chuairt nan deann, Gairmfhir a b’ oscarra pong, A theanal nan sloigh air ball, Gu comhairl’ aig taobh nan long. Thug iad a’ chaismeachd mar dh’ iarr ’S dhoirt na miltean siar romh ’n raon: Ach cho-ghairm e, ’n tùs, na seòid A fhuair gliocas còrr bho ’n aois.— Chruinnich iad aig bìrlinn shlìnn Nestoir Phìlich nan radh glic. A dheilbh luim an dulchiunn thric. II. Eisdibh, a chàirdean, le feairt, An ni tha na m’ bheachd a luadh; An raoir tre oidhche nan dealt seamh Thuirling Cruth bho nèamh gu m’ shuain. Bha ’n Taisbean mar Nestor liath, Thair na chunnacas riamh air féur; A leth-bhreac an guth ’s an triall, A dhealbh cuim, a sgiamh, ’s a mhéinn. Thùr e, ’s e os cionn mo chinn, Na briathran seo, pong air phong: “Am fois dutsa, ’ghaisgich thréin, Ur-mhic Atreuis nan steud lòm? Dim-brigh do chomhairleach glic, Do ’m buin cùram bhlàr a’s fheachd; ’S miltean slòigh ag earbs’ á thaic, Cian-chadal an caidreamh leisg. Gabh gu mion-bheachdaidh ri m’ sgéul, ’S mi teachdaire dhe nan dia; Bho ’n ’s mor a thruas diot a’s ùigh, D’ àrdachadh ’an cliu ’s e ’mhiann. ’S aill leis thu ghrad-thoirt gu blar. Sliochd na Gréige ’s àrbhuidh cùl: Glacaidh tu ’n stuaidh fharsuing ard, ’S fàgaidh na ’glas chàrn ’s an ùir. Bho ’n rinn Iùno ’n ùrnaigh chruaidh, Tha ’nt aon run aig sluagh nan speur: Thuit Tròidh gu buileach fo bhinn, ’S thig maom-sgrios air linn nam beud, Gabhsa suim de reachd an dé, ’S na caill diog de sgeul mo bheòil.” Siod na thùr am bruadar faoin, ’S as mo shealladh thaom mar cheò. Nis a laochraidh nam mor-euchd Bho ’n ’s ordugh nan speur a th’ ann, Grad-dheasaichear sliochd na Gréig’ Gu ’n nochdadh ri streup nan lann. Dearbham gu faicleach an tùs, Ciod an dùrachd ’s a’ ghnìomh bhuam Iarraidh mi gu’n teich iad tràth, Gu’m fonn thair bhàrc a’ chuain. Fàgam dhuibhs’ ’fheara mo chridh, Gu’n grab sibh an ni gun chliù.” Chrìochnaich deagh-cheannard nan tri ’S shuidh na ’mhorachd sios na ’chùirt, Dh’ éirich Nestor mannta mìn, Righ Phìlois nan oitir bàn, Cainntear do’m b’ iùl gliocas còrr, ’S thug freagairt le glòir neo-bhàth; ‘’Uaislean àrd-inbheach mo rùin— A stiùireas na mìltean tréun, Bho aon neach eil’ air an raon, Mheaste’ ’m bruadar mar chlaon-bhréig; Ach ’s fios e’ thùirling bho’n spéur Chum ant sheòid d’ an géill an sluagh. Bhrigh siod, ’s còir a’ Ghréig’ gun dàil Thoirt air blàr fo ’n arma cruaidh.” (Ri leantuinn.) AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99.—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichean fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin; agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 377] [Vol. 7. No. 48. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN-DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 30, 1899. NO. 48. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXIX. ANN AN DEMERARA. Mu dheireadh rainig sinn Demerara. Is e so an t-ainm a th’ air amhainn mhòir a th’ anns an earrann ud de Cheann-a-deas America, agus air an fhearann a tha ri taobh na h-aimhne. Gu math dlùth air bun na h-aimhne tha baile bòidheach ris an canar, Baile-Sheorais. B’ anns a bhaile so a bha mise gus a bhith ’nam ghille-bùthadh; agus b’ fheudar dhomh cunntas a ghabhail as na bha de bhathar aig mo mhaighstir air bòrd. Thug sinn iomadh latha air obair glé thrang mu’n d’ fhuair sinn gnothaichean ann an òrdugh gu ar miann. Cha robh e duilich dhuinn luchd-oibre fhaotainn, oir bha mòran dhaoine dubha anns a’ bhaile a bha deas gu leòr gu obair a dheanamh. Ach fhuair mise agus mo chompanaich dragh gu leòr le cuid dhiubh; oir bha iad gu math tric air an daorach. Bha mòran ruma ’ga dheanamh anns an àite, agus bhiodh an luchd-oibre a’ gabhail tuilleadh ’sa choir dheth mar bu trice. Cha’n ’eil mi ’dol a thoirt mion-chunntas air mar a bha mi cur seachad na h-ùine fad nam bliadhnachan a bha mi anns an àite. Cha do thachair dad dhomh air am biodh e feumail iomradh a thabhairt. Bha mise agus dithis eile a’ riaghladh na buthadh; oir bu le triuir de mharsantan Ghlasacho i. Bha ordugh againn o ar maighstirean falbh as a’ bhaile suas do bhraigh na duthchadh fad mios a h-uile bliadhna. Cha ’n fhaodadh falbh dhinn ach fear ma seach. Agus a thaobh gun robh an t-sìde car neo-fhallain anns a’ bhaile aig amannan, shuidhich sinn gu’n rachadh fear an deigh fir dhinn suas do’n dùthaich fad seachdain an uair a bhiodh an t-side fallainn. Ged a tha ’n duthaich teith gu leor, tha e air aite cho fallainn ’s a th’ ann an Ceann-a-deas America gu leir. Ach o’n a tha ’m baile air a shuidheachadh air fearann iosal faisge air bun na h-aimhne, tha daoine buailteach a bhith ’gabhail fiabhruis agus tinneasan eile ann. Ach gu fortanach bha mise agus mo chompanaich gu math saor o thinneasan fhad ’s a bha sinn anns an àite. Chuir sinn romhainn nach gabhamaid deur dhe’n deoch laidir na ’s lugha na dh’ ordaicheadh doctair dhuinn a gabhail. An fheadhainn a bha ’gabhail an ruma a bha muinntir an àite ’deanamh, no an uigse-bheatha agus na branndaidh a bha luchd-malairt a’ toirt do’n aite, bha iad gu tric ann an tinneas, agus ann am breislich mar gu ’m biodh iad air a dhol as an rian. An ceann beagan ùine an deigh dhuinn a dhol air tìr aig Demerara, chaill mi sealladh air Tomas Murphi. An latha mu dheireadh a chunnaic mi e, thuirt e rium gu’n robh ’na bheachd a dhol gu ruige Bhenesuala, no do Bhrasil, o’n a chual’ e gu’n robh mòran òir ri ’fhaotainnn anns na h-aiteachan so. Gheall e sgrìobhadh do ’m ionnsuidh mu’m falbhadh e; ach ma sgriobh esan litir, cha d’ fhuair mise i. Bha mise, mar a dh’ ainmich mi mar tha, a’ dol suas do ’n duthaich uair is uair a h-uile bliadhna. Thachair dhomh eòlas a chur air duine còir a dh’ fhalbh a Alba mu’n àm ’san d’ rugadh mi. Bha farsuinneachd mhor fhearainn aige fo phlanntachan siucair. Rinn e fortan math air an t-siucar, agus bha e toileach tilleadh air ais gu ruige Alba gus deireadh a laithean a chur seachad gu socrach, sàmhach, am measg a chàirdean ann an dùthaich a bhreith is àraich. Ach cha b’ urrainn e falbh as an àite ’s an robh e gus am faigheadh e duine a ghabhadh am fearann agus an siucar bhar a lamhan. Cha robh e furasda aon duine fhaotainn a cheannaicheadh am fearann agus na bha de phlannta siucair a’ fàs air. Mu dheireadh bhuail e anns a’ cheann aige gu’n reiceadh e am fearann ’s na bha fàs air ’na thri no ceithir a dh’ earrannan. Anns an àm co thigeadh do’n bhaile ach Tomas Murphi. Bha e an deigh deannan math airgid a dheanamh a bharrachd air na thug e leis o’n taigh. Agus o’n a bha ’n t-aite anns an robh e am Brasil glé neo-fhallainn, thainig e air ais do Dhemerara gus e fhein a chur am feobhas. Dh’innis mi ’dha mu’n duine a bha toileach fearann an t-siucair a reic, agus ghrad bhuail e anns a cheann aige gu ’m bu choir dha am fearann a cheannach. Chaidh e gun dail a bhruidhinn ris an duine aig an robh am fearann; agus ged a bha iad le chéile glé thoileach còrdadh a dheanamh, cha robh aig Tomas na cheannaicheadh an fearann, an siucar, agus gach taigh agus ni eile a bha air uachdar. An uair a thainig Tomas air ais, agus a dh’innis e dhomhsa mar a bha, bhuail e anns a cheann agam gu ’m bu chòir dhomh an earrann bu mhò dhe na chuir mi ma seach a dh’ airgiod a chur anns an fhearann. Leig mi ris do mo chompanaich an ni a bha nam bheachd, agus ’s e thainig as a’ chùis, gu’n d’ rinn sinn suas eadrainn ’nar triuir na bha dhith air Tomas Murphi dhe’n airgiod. Bha’n staid fhearainn gu bhith eadrainn ’nar ceathrar, agus bha Tomas gu bhith ’na fhear-riaghlaidh againn Bu leis fhein an dara leith dhe gach ni, agus bha’n leith eile eadar mise agus mo dhithis chompanach. Bha Tomas ’na dhuine cho dìleas, cho onarach, agus cho earbsach ’s a b’ urrainn a bhith. Agus bha e ’na fhear-gnothaich cho math ’s a chunnaic mi riamh. Fhuair e cunnradh math dhe gach ni a cheannaich e, agus leis cho math ’s a thug e an aire air a’ ghnothach, bha buannachd mhath againn taobh air thaobh an ceann na bliadhna. An uair a rachadh fear an déigh fir dhinn a chur seachad seachdain suas do’n dùthaich, bha ’n taigh a bh’ air an fhearann romhainn, agus bha e dhuinn mar dhachaidh. Ach cha robh sinn a’ gabhail gnothach ri riaghladh an luchd-oibre ann an dòigh sam bith. Dh’fhàg sinn sin gu léir aig Tomas. Cha robh fios aig duine sam bith ach sinn fhein ’nar ceathrar, gu’n robh gnothach sam bith againn ris an fhearann. Bha bliadhna ’n deigh bliadhna ’dol seachad, agus bha am fearann a deanamh buannachd na b’ fhearr dhuinn a h-uile bliadhna mar a bha tighinn. Mu dheireadh ruith na deich bliadhna a gheall sinn ’nar triuir do na maighstirean fuireach ann an Demerara. Leis cho math ’sa bha cùisean a’ dol leinn, bha na maighstirean ro dheònach sinn a dh’ fhuireach ann beagan bhliadhnachan eile. Ged a bha mise toileach gu leòr fuireach anns a’ bhaile fad bliadhna no dhà eile, bha eagal orm nach seasadh mo shlainte ris; oir bha mi ’faireachadh obair na buthadh tuilleadh is cuingeil. Air an aobhar sin, chuir mi fios dhachaidh gu ’m fanainn aon bhliadhna eile, ach nach robh e sàbhailte dhomh fuireach ann na b’ fhaide. Bha mi aig an àm air fàs cho caol, cho cruaidh, ’s cho dubh ris a’ chlobha. Cha b’ urrainn duinn ach gann na dh’ fhalaicheadh ar craicionn a chur umainn a dh’ fhaodach fad an latha; agus b’e aon siota tana na dh’ fhuilingeamaid thairis oirnn fad na h-oidhche. Bha mi gu nàdurra buailteach do throm-fhallus, agus bu ghann a chaidh m’ fhallus a staigh fad nan deich bliadhna a bha mi ann am Baile-Sheorais. Rinn mo dhithis chompanach dìreach mar a rinn mi fhein; oir bha iad a’ fàs a’ cheart cho sgìth de dh’ obair na bùthadh ’s a bha mise. An ceann na bliadhna dh’ fhalbh sinn as a’ bhaile, agus chaidh sinn a dh’ fhuireach comhladh ri ar companach, Tomas Murphi. Cha robh sinn ach gann tri miosan anns an aite so an uair a thoisich sinn ri fàs sgith de bhith ’nar tàmh. An uair a bhios daoine ’cleachdadh a bhith ’g obair o’n oige, cha tig e riutha bhith ’nan tamh tuilleadh is fada. Bha Tomas fhein a’ teannadh ri fàs sgìth dhe’n obair a bh’ aige; oir bho e gu nàdurra an geall air a bhith falbh o àite gu àite. Chuir sinn ar comhairle ri chéile a thaobh ciod bu chòir dhuinn a dheanamh, agus an deigh dhuinn ar barail a thoirt air cùisean gu saor, soilleir, shuidhich sinn gu ’n rachadh triùir dhinn gu ruige an t-àite ann am Brasil anns an robh iad a’ cladhach an òir agus an daoimein, agus gu ’m fanadh an ceathramh fear dhinn aig an fhearann, agus gu’m biodh gach buannachd a dheanamaid taobh air thaobh air a roinn gu cothromach eadrainn, nam b’e ’s gu ’n coinnicheamaid beò, slan, ri’ chéile. Agus o nach robh fhios againn co dhiubh a chitheamaid a chéile rithist, no nach fhaiceadh, rinn sinn ar tiomnadh ’nar ceathrar, air dhòigh ’s gu’m biodh cuid an fhir mhairbh aig an fhear bheò. B’e Tomas Murphi an ceann-snaoid a bha gu bhith oirnn. B’ aithne dhasan an rathad; oir bha e aon uair roimhe air feadh fàsaichean coillteach Bhrasil. Ged a bha sinn toileach gu leòr falbh, bha eagal oirnn nach tachramaid uile ri chéile gu bràth tuilleadh anns an t-saoghal. Ach o’n a chuir sinn romhainn falbh, bha e tamailteach leinn gu’m biodh aig neach sam bith ri radh nach robh de mhisnich againn na rachadh a shiubhal an t-saoghail, agus a dh’ iarraidh an fhortain mar a bha daoine eile deanamh. (Ri leantuinn.) SIR EOGHANN CAMSHRON, TRIATH LOCHIAL. Earann II. ’Se ’cheud thaisbeanadh a thug an ceann-feadhna so air a’ ghaisgeadh airson an robh e ’na dhéigh sin co ainmeil, ann an toirt air Mac-Dhòmhnuill na Ceapuich fiachan a bha ’na aghaidh do theaghlach Mhic Dhòmhnuill Duibh a dhìol, agus a bha e a’ diùltadh a phàigheadh, do bhrìgh gu’n robh Lochial òg, agus, ’na bharail-san, [TD 378] [Vol. 7. No. 48. p. 2] gun chomas a thoirt gu cunntas. Ach coma co dhiùbh; ’nuair nach d’ rinn gach litir a’s fios a chuir e gu Tighearna na Ceapuich cuis, ghrad chruinnich e a ghillean agus thog e air gu caisteal an fhir eile. Ach ’nuair a chunnaic Fear na Ceapuich e cho dàna, misneachail, fearail, shochdruich e a’ chùis gun chlaidheamh a tharruìng, no gun diog a labhairt; oir chunnaic e nach robh math dha ’bhi ’ciur ’na aghaidh. Rinn e a’ cheart nì air Mac-Mhic-Alasdair; agus, mar so, choisinn e ainm àrd measail da féin air feadh na tìre. Bha sùrd air cogadh a nis eadar an Rìgh agus muinntir na h-Alba. Thainig Cromwell le feachd á Sasunn, gus an Rìgh truagh a chuir a sìos, agus gu seasamh leis na ceannaircich a bha air éiridh ’na aghaidh. Ach bha na Gàidheil, gu sònruichte a’ chuid bu mhò dhiùbh, dileas, tairiseach, mar bu ghnàth dhoibh; agus sheas iadsan taobh an Rìgh. Mo thruaighe, na laoìch thréun! dhiol iad airson an dìlseachd. Aig blàr Inerchéitein, thuit mòran diubh. ’Nuair a theich càch, sheas iadsan. Thuit seachd ceud de Chloinn Illeathan amhàin, a chaidh a mach á Muile le Eachann Ruadh Dhubhairt. Bha Sir Eòghann Camshron, Triath Lochial, air a thurus, le mìle fear, gu armailt an Righ, ’nuair a chual’ e mar a thachair. Bha cùis an Rìgh a h-uile là ’dol ni bu mhiosa, gus mu dheireadh am b’éigin da an rìoghachd fhàgail, agus e féin a thoirt air falbh ’na fhògrach do’n Fhraing. ’Nuair a dh’ fhalbh esan, dh’éirich na ceannaircich chealgach an aghaidh a chàirdean; ’s cha robh olc, no losgadh, no àr, a bha ’nan comas a dheanamh, nach d’fheuch iad. Bha a’ gheur-leanmhuinn a b’eagalaich air a dheanamh air gach aon a sheas an Righ: ’sann ann am monaidhean, ’s am measg uamhan nam beann, ’s am frògaibh, a bha iad ’gan cleith féin. Bha’n t-arm Sasunnach, fo Sheanalair Monk, a’ siùbhal na dùcha, ’s a’ cuir gu bàs gach duine air am b’urrainn doibh greim a dheanamh, air an robh amharus aca. Lìonadh e leabhar mòr eachdraidh a thoirt air na h-amana eagalach sin, agus a liutha éuchd a’s gnìomh treun a rinn Lochial as leth cùis an teaghlaich rìoghail. Le dà no trì cheud de ’chinneadh féin, is minic a chuir e an ruaig air a dheich uiread de na naimhdean. Lean e iad o àite gu h-àite—iadsan ag imeachd gu h-ìosal ’san t-srath, a’s esan air mullach nam beann. Cha luaithe a stadadh iad gu tàmh a ghabhail ’san oidhche, na ghrad thèarnadh e gu bhi air am muin—cha robh fois aca uaithe a latha no dh’oidhche. Air aon àm, bha deich mìle saighdear air tòir an arm rìoghail, a’s iad ’gan seachnadh shuas ’am Bràighmòr. Dh’ iarr Lochìal air ceannard an airm e féin ’sa chuid arm iad féin a thoirt as, agus gun seasadh esan ’am bealach cumhann ’nan déigh, far nach leigeadh e leis an arm Shasunnach dol air an tòir. Rinn e so le dà cheud de fhearaibh Lochabair—chuir e ruaig air na mìltean, a’s thèaruinn e an t-arm rìoghail. Cha do chaill e féin ach leth-dusan fear, ach mharbh e mòran de na naimhdean. Tha sinn a’ leughadh gu’n robh boghachan-saighead aig fir Lochabar sa’ bhlàr so, ’s gu ’n d’rinn iad feum dhiubh gu tilgeadh air na Sasunnaich sa’ bhealach chumhann, far nach robh comas aig eachraidh tighinn dlùth, no an airm a chleachdadh. Cha robh dòigh a b’urrainnear fheuchainn nach do chleachdadh chum Lochìal a tharruing gu taobh an Rìgh fhàghail, agus na ceannaircich eil’ a neartachadh. Thairgeadh oighreachd mhòr a’s anabarr òir dha—a dheanamh ’na thriath cumhachdach, beartach; ach dhiùlt e iad sin uile le tàir. “Tréigeadh cò ’thogras an Rìgh,” ars’ esan, “cha tréig mis’ e: ged thréigeadh mo chinneadh féin mise, cha tréig mis’ esan.” Chuir naimhdean an Rìgh rompa daingneach làidir a thogail ’an Inbhirlòchaidh, chum Triath Lochial ’sa chuid daoine a chumail fo smachd. B’e Mac-Chailein Mhòir, an cealgaire seòlta, a chuir so ’nan ceann. Bha uiread eagail air an arm Shasunnach gu’n coinnicheadh Mac Dhòmhnuill Duibh iad, ’s gu’n do ghabh iad luingeas, leis an deach iad a suas an Linne-Shealaich, gus an deach iad air tìr aig Inbhirlòchaidh—dà mhìle fear, fo cheannard tapaidh, gaisgeil, eòlach, an t-aon fhear bu thuigsiche ’s bu treuna ’nam measg, Coirneal Bryan. Bha leis mòran de chlachairean, saoir, a’s luchd-cèirde de gach seòrsa—biadh na dh’fhònadh fad bliadhna—agus gach nì a bha feumail chum an daingneach so ’chuir a suas. Bha ’san àm sin coille mhòr ’san dùthaich anns gach àite—bha i uile fo choille; ’s bha so goireasach do’n arm Shasunnach airson connaidh a’s fiodh chum an tighean a thogail. Cha robh an ceannard Sasunnach là air tìr ’nuair a thog e, le ’chuid daoine, aite-dìon le craobhan, air nach robh e comasach do dh’aon nàmhaid dol thairis, no eucoir a dheanamh air fèin no air a chuid daoine. Bha triath òg Lochial a’ gabhail sealladh air na bha na Sasunnaich a’ deanamh, agus a’ feitheamh gu a chothrom féin fhaotainn gu ’bhi ’nam bad. Bha e ’ga chleith féin, a’s deich fir fhichead de dh’uaislean òga de ’chinneadh féin, ann an àite taobh thall an loch, ris an canar Achadaleo. Chuir e a chuid daoine dhachaidh, ach an àireamh bheag a dh’ainmich sinn. Bha e ’faotuinn fios o àm gu h-àm air na bha ’dol air aghaidh ann an Inbhirlòchaidh. Bha cuid de ’dhaoine a’ faire gach nì a bha na Sasunnaich a’ deanamh, agus a’ toirt fios da. Cha b’urrainn doibh gluasad gun fhios do Lochial. ’Nuair a chual’ an ceannard Sasunnach gu’n do leig Mac Dhòmhnuill Duibh le ’chuid daoine dol dhachaidh, chuir e, là de na làithean, trì cheud de ’shaighdearn a mach a ghearradh seann chraobhan darraich a bha sa’ choille, agus a thoirt a stigh gach ceithir-chasach, de chrodh a’s de chaoraich, a thachradh orra. Chunnaic Lochial luingeas a’ gabhail a null do’n àite ’san robh e féin ’s na gaisgich a bha maille ris. Ghabh e beachd orra mar a bha iad a’ dol air tìr, agus chunnt e seachd-fichead saighdear air an tràigh, a bharrachd air oifigich a’s luchd-oibre, le tuaghanan a’s acfhuinn eile, a ghearradh na coille. Phill e far an robh a’ bhuidheann bheag de ’dhaoine ’gan cleith féin. Dh’innis e mar a bha, a’s dh’fheòraich e dhiubh an gabhadh iad os-làimh ionnsuidh a thoirt orra. “Tha iad,” ars’ esan, “’nar comas; grad éiridhmid orra!” Bha na h-uasail òg a bha maille ris àrd-inntinneach, misneachail, dàna, gaisgeil; agus, a dh’aon inntinn, thubhairt iad, beatha no bàs, gum biodh iad an sàs, ciod air bith a thachradh. Bha cuid, gu dearbh, a’ comhairleachadh dha fios a chuir air a’ chuid eile de ’dhaoine; ach cha robh feum dhoibh labhairt. “Ged nach leanadh a h-aon mi,” ars’ esan, “bitheadh mi ’nam broilleach, a’s bheir mi orra ’thuigsinn nach geàrr iad craobh gun mo cheadsa. Leanaibh mi, fhearaibh!” ars’ esan, ’s e ’tarruing a chlaidheamh. Sheas e ’mach ’us sheas gach aon a mach maille ris. Ach bha bràthair òg aige, do’m b’ainm Ailean; agus chuir iad mar chùmhnant air Lochial, nach robh Ailean òg ri dol sa’ chath. Cha robh fiùran ann ach e; agus nan éireadh beud dàsan a’s do’n cheann-fheadhna, cò a sheasadh urram an tighe?—bhiodh a chinneadh mar dhìlleachdan gun cheann. Cha do chòrd so ri Ailean òg, ’s cha mhò a a dh’fhanadh e air ais. B’éigin a cheangal ri craoibh. Dh’ fhàg iad balachan beag làimh ris. Cho luath ’sa bha càch air falbh, thug Ailean air a’ bhalachan bheag na buill a bha ’ga cheangal ris a’ chraoibh a ghearradh le ’bhiodaig, a’s ghrad bha e ’am broilleach na cuideachd; agus bu mhath gu’n robh, oir is e a thèaruing beatha a bhràthar.—Bha na Sasunnaich a nis air tìr, agus a’ milleadh tigean nan daoine bochda aig Achadaleo, a’ spùinneadh leò gach nì a b’fhiach a ghiùlan air falbh. Thainig Lochial ’sa dhaoine orra gun fhios. “Na losgaibh urchair,” ars’ esan, “gus am bi ’ur gunnachan ri’m broiileach; agus an sin eiribh orra le’r claidheamhnan. Fhuair na Sasunnaich uine iad féin a tharruing a mach ’an ordugh catha; ach loisg iad le cabhaig air na h-Abraich. Cha d’amais iad air mòran diubh a mhilleadh, leis a’ chabhaig; agus mu’m b’urrainn doibh urchair eile a lìonadh, bha deich fhir fhichead diubh ’nan cuirp mharbh air an làr, fo chlaidheamhnan nan Abrach. Bha nise còmhstri ann co fuilteach, eagalach, ’sa b’urrainnear fhaicinn. Ach coma co dhiùbh, cha b’urrainn na Sasunnaich seasamh. Mu dheirdadh, b’éigin doibh teicheadh, ’s an tràigh a thoirt orra, agus na h-Abraich a’ slachdadh orra. Theich cuid diubh do’n choille, a’s thàr Eòghann òg e féin air an déigh. Mharbh e triùir ann an aon phreas, a sheas a mach ’na aghaidh. Ach bha’n t-oifigeach Sasunnach dlùth—duine cho làidir, ghaisgeil, mhisneachail, ’sa bha ’san arm cheannaircich uile. Mhothuich esan gu’n robh Lochial ’na aonar, agus air a chlaoidh an deigh an triùir a mharbhadh. Ghrad leum e ’mach as an àite ’san robh e ’ga chleith féin. Sheas Lochial le ’chlaidheamh ’na làimh, a’s ghabh iad ’am badaibh a chéile. Bha ’chòmhrag so fada, dìorasach; agus bu duilich a ràdh cò a bhuadhaicheadh. Bha gach fear dhiubh coimhlionta ann an comannd a’ chlaidheamh. B’e an Sasunnach gu mòr bu làidire ’s bu truime, ach b’e Lochial a b’èasgaidh ’sa b’eutruime; agus mu dheireadh thilg e an claidheamh á làimh an t-Sasunnaich. Ach ghrad leum an Sasunnach ’na bhroilleach, gu gleachd ris. Thuit iad le chéile air an làr—car mu char chaidh iad le bruaich, gus an do thuit iad ann an amar na h-aibhne, eadar dà bhruaich, ’an àite cumhann. Cha robh uisge sam bith ’san àite air an àm. Bha’n Sasunnach an uachdar—a ghlùn air uchd Lochial, a’s clach gheur fodha, ’ga bhioradh fo na h-aisinnean. Bha’n anail ’s an uchd aca le chéile—air an claoidh gu buileach le sgìos, a’s gun chomas gluasad. Ach mu dheireadh fhuair an Sasannach a làmh dheas a tharruing a mach, agus bha e a’ tarruing na biodaig a bha air a chliathaich, a chum cuir as do’n fhear eile. Bha Lochial a’ mothachadh na na bha ’na bheachd. Le spàirn bàis, thog se féin a suas—chuir e a dhà làimh mu amhaich an t-Sasunnaich—ghlac e a sgòrnan ’na fhiaclaibh—a’s cha do leig e as a ghreim gus an d’thug e an crioman leis; a’s thuit am fear eile sìos marbh ri ’thaobh! “B’e so,” ars’ esan, iomad latha ’na dhéigh so, “an làn-beòil bu mhilse a dh’ith mi riamh!” Thugadh cuirp nan Sasunnach a null ’san anmoch, gu bhi air an àdhlacadh dlùth do’n chaisteal. ’Nuair a chunnaic ceannard an airm mar a bha na daoine air an creuchdadh—an cinn air an sgoltadh sìos gu’n guaillibh—an casan ’s an lamhan air an gearaadh dhiùbh le aon bhuile,—ghabh e oillt. Sgaoil iomradh a’ bhlàir so air feadh na rìoghachd uile, agus fhuair Mac Dhòmhnuill Duibh anabarr cliù ’na lorg. Bha ainm a’ ghaisgich òig ’am beul muinntir na dùcha uile, a’s ghabh na Sasunnaich e mar an tamailt is mò a thainig riamh ’nan rathad. Dh’fhàg Lochial an dùthaich, a’ toirt comhairle do ’chuid daoine iad a bhi sàmhach, ’s gun tuileadh a dheanamh an aghaidh gearasdan Inbhirlòchaidh, gus an cluinneadh iad uaithesan. An ni a gheall Dia, cha mheall duine. [TD 379] [Vol. 7. No. 48. p. 3] CEATHRAR A’ GHLINNE. Sgeul Eireannach. Tamull math roimh an àm so bha ceathrar fhear a chòmhnuidh an gleann àillidh, ùr air taobh an iar de Chaithìr Chorcaigh. Bha tighean nan ceithir fear so a’ seasamh ’nan aon sreath an lag a’ Ghlinne; agus cha robh coimhearsnach air bith eile aca ’san àite. B’e “An Gleann” a b’ ainm do’n àite sin o cheud chuimhne gach neach a bha beò anns na criochan mu’n cuairt. La éiginn, agus an ceathrar a’ tighinn dachaidh o’n Aifhreann, dh’ éirich dhaibh a bhi ’cainnt air ainm a Ghlinne, agus thubhairt iad le aon ghuth gu ’m bu neo-iomchuidh an gleann a bhi gun ainm sònruichte air. “Ma ’s math mo bheachd,” arsa Dòmhnull Ua Réagain, a cheud fhear de’n cheathrar a thuinich ’sa ghleann, “tha uimhir nan litrichean a’ dol an lughaide oirnn. Tha feadhainn de mhuinntir Réagain a chòmhnuidh an Gleann Tais air an taobh tuath de’n ghleann so, agus is fheudar gu’n d’ fhuair iadsan an t-airgead a bu ghnàth le m’ mhac a chur chugam o America gach Nolluig, agus nach d’ thàinig chugam an Nolluig so chaidh.” “Is nàr leam,” arsa Diarmad Ua Caoimh, “’nuair a théid mi do Chorcaigh a cheannach guail no mine no rudeiginn eile, nach faod mi ainm a thoirt air m’ ionad comhnuidh ach “An Gleann,” agus an uiread sin de Ghleanntan air gach taobh dhinn air am bheil ainmean àraidh.” “Ciod a bu chòir dhuinn a dheanamh?” dh’fharraid Daithi Ua Brian. “Tha rud air a dheanamh agam féin cheana,” arsa Donnachadh Ua Suileabhain, an ceathramh fear. “Tha ainm nuadh air a sgriobhadh agam an litrichean lìomharra air clàr, agus togaidh mi suas am màireach e am beul a’ ghlinne.” “Ciod an t-ainm a th’ agad air?” dh’ fharraid an triuir eile a dh’ aon ghuth. “Chì sibh am màireach e,” fhreagair Donnchadh, agus tuilleadh cha ’n innseadh e dhaibh. An la-ar-na-mhàireach chaidh iad a shealltainn an ainm nuaidh. Bha crann àrd fiodha air a dhainghneachach ’s an talamh, am beul a’ ghlinne, clàr leathann, mór air a chur an àird tarsuinn air, agus “Gleann Ui Shuileabhain” air a sgriobhadh air, an litrichean lìomharra, mora. Cha b’ urrainn do neach a bhiodh a’ teachd a steach no dol a mach as a’ Ghleann gun bhi ’g amas air. ’S ann air an triuir a bha boil nuair a chunnaic iad na bh’ ann! “Fanaibh gu fòil,” arsa Dòmhnull Ua Réagain, “fuilingidh mi mo sgiùrsadh mar islich mi uaill an t-Suileabhanaich mu ’n téid la eile thairis orm.” “Ciod a tha thu a’ cur romhad a dheanamh?” dh’ fharraid an dithis eile. “O ’n is e mise a cheud fhear a thàinig do’n ghleann so a chum còmhnuidh a ghabhail ann, is còir do m’ ainm-sa a bhi air. Cuiridh mi an àird clàr air an taobh eile de bheul a’ Ghlinne a bheir barrachd air sud.” Bha ’n dithis a’ breithneachadh ach cha de labhair iad diog, ach air dhaibh an t-àite fhàgail chuir iad an cinn ri chéile agus réitich iad gu ’m fanadh iad gun ni a dheanamh gus am faiceadh iad an dara clàr ’na ionad. An la-ar-na-mhàireach bha ’n dara clàr r’a fhaicinn mu choinnimh a’ chlàir eile, am beul a’ Ghlinne. Bha ’n crann na ’s àirde agus na ’s tighe na crann a cheud chlàir, agus bha an clàr féin na b’ fhaide agus na b’ fharsuinge na am fear eile; agus an taice na facal so “Gleann Ui Réagain,” bha làmh air a dealbhadh ’s air a dathadh gu snasail, agus a còrrag sìnte rathad a’ Ghlinne. “Choisinn iad buaidh oirnne,” arsa Diarmad ri Daithi. “Air t’ athais, a Dhiarmaid,” arsa Daithi, “chì thu gu ’n toir mise barrach orra araon.” Air feadh an ath latha agus na h-ath h-oidhche cha robh r’ a chluinntinn ’s a Ghleann ach gleadhraich òrd agus farum locair agus thuireasg. Gu moch air maduinn an la-ar-na-mhàireach ghluais Daithi a mach as a thigh, agus luchd oibre maille ris ag iomchar rud mhor eatorra. Thàinig iad gus an àite ’s an robh an da chlàr ’nan seasamh, chuir iad an uallach dhiu an sin agus laidh iad air obair. Chuir iad crann na sheasamh air gach taobh de ’n t-slighe agus gu h-àrd orra sin chuir iad clàr tarsuinn air an t-slighe air an robh na facail so ’nan litreachan anmhora ioma-dathach, “Is e so Gleann Ui Bhriain.” Air gach taobh de na facail so bha dealbh duine agus an làmhan a dh’ionnsuidh nam facal mar gu ’m b’ ann ’gan deimhneachadh a bha iad. Bha ’n còmhstri a nis air bonn. Chuir Diarmad Ua Caoimh clàr eile a suas a thug barrachd air clàr Ui Bhriain. An sin dh’ àrdaich Ua Suileabhan a chlàr-san os cionn na feadhainn eile; agus mar sin chaidh iad air aghaidh, gach fear an deigh a chéile ag àrdachadh a’ chroinn; gus an robh an Gleann làn de luchd-oibre de gach seòrsa ag atharrachadh, a’ meudachadh ’s a’ togail chlàr o cheann gu ceann na seachduin. Bha an gille posda air boil le siubhal na tìre air lorg nan Gleann nuadha; agus b’ e deireadh an sgeòil gu’n do laidh e gu ro-throm air an òl tre buaireadh ’inntinn; chaill e obair agus thog e air gu tìr chéin. Shaoileadh tu gu’m b’e féill a bh’anns a’ Ghleann le meud an fharuim, ’s leis an dol ’s an teachd a bha aig an luchd-oibre am feadh a bha an obair a dol air a h-aghaidh. Mu dheireadh theirig airgead nam fear agus stad an obair. Thrus an luchd-oibre an acfhuinn agus dh’ imich iad. B’ iongantach an sealladh a bha ’n sin r’ a fhaicinn am beul a Ghlinne; ceithir clàir mhora air croinn arda fiodha agus goibhlean làidir ’gan cumail ’nan seasamh; ceithir ainmean air an sgriobhadh air na ceithir clàir agus dealbh duine an taice ri gach ainm. B’ éibhinn an sealladh e, agus bha moran sluaigh a’ tathaich a’ Ghlinne a dh’aon ghnothuch a dh’ amharc air. Cha robh e buan, mo chreach! Air Oidhche Féill-Eòin rùnaich gillean òga na coimhearsnachd na clàir a chuir ri theine. Chruach iad conasg agus feur m’ an timchioll, chuir iad srad ris agus cha b’ fhada gus an robh tein-éibhinn boillsgeach aca a thug dealrachadh air a Ghleann a bha ro-bhòidheach. Mo thruaighe an ceathrar, ’s iad ag amharc air luach an airgid a dol a dholaidh. Cha do chuir iad suas clàr no ainm o’n la ud a mach ach dh’ aisigeadh càirdeas agus siothchaint do’n Ghleann a ris. LITIR A CEAP NOR. O sgriobh mi mu dheireadh tha ’n amhach goirt air eirigh a rithist ’s an àite so. Dh’ eug aon bhalachan leatha, dilleachdan a bha fo churam brathair a mhathair, Ruairidh Moireastan. Tha cuid de’n bheachd gur h-e ’n tinneas mosach so a bha ’n àireamh bheag de na càsan a bha air a meas mar ghrip toiseach an t-samhruidh. Co dhiu a tha no nach ’eil sin fior, bu chòir do theaghlach no teaghlaichean sam bith aig am bheil an t-amharus a’s lugha mu ’thimchioll, an cuid thaighean a ghlanadh gu ro mhath, ’s gun a bhi fàgail beatha muinntir eile cho mòr an cunnart, maille ris gach trioblaid a tha ’n cois an tinnis, ged nach rachadh beatha sam bith a ghearradh air falbh leis. Tha litrichean air a bhi tighinn o chionn ghoirid a tha ’g innse gu bheil Tomas Mac-a-Phearsain, a dh’ fhalbh air chuairt uainn gu Boston agus Somerbhil mu thoiseach a gheamhruidh s’a chaidh, ’na laidhe gu h-iosal air leabaidh a’ bhàis. Bha e ’fuireach maille ri nighean dha a tha pòsda ’an Somerbhil, agus ged tha sinn cinnteach gu’n robh e ’faotuinn gach frithealadh a bha feumail dha, bha’n duine bochd a’ miannachadh gu mòr faotuinn air ais gus a laithean a chriochnachadh aig a thigh fein ann an sith. O’n sgriobhadh na th’ air thoiseach tha fios air tighinn gu’n d’ eug ar caraid o chionn tri latha, agus cha ’n ’eil teagamh againn nach deachaidh e a dh’ ionnsuidh na foise a dh’ ullaicheadh fa chomhair sluaigh Dhe. Tha e ’toirt toileachaidh dhuinn a bhi ’faicinn gu bheil MAC-TALLA gu tigh’n a mach an ùine ghoirid ’an uidheam ’s an dreach ni’s fhearr na bha i riamh. Tha sinn ’an dòchas gu’n seas gach gabhaltaiche dileas da, agus gu’n dean mòran dhiubh an dichioll gus an àireamh a chur gu mor an lionmhorachd. Maille ris gach buaidh eile ’th’air MAC-TALLA tha bhuaidh so gu bheil e o àm gu àm a’ togail a ghuth gu dileas ’an aghaidh reic mi-laghail na deoch laidir. Ach am bheil e da-rireadh laghail a bhi ’g a reic ’s an doigh a tha daoine gu cumanta a’ meas laghail? Cha’n eil gu cinnteach; oir os ceann gach uile lagh millteach a ni daoine tha ’laghsan a tha ’g radh gur mallaichte gach neach a chuireas an cupan ri beul a choimhearsnaich, etc. Tha na briathran so fior, ’s ciamar idir a nis is urrainn iadsan a tha toirt làn chòir do dhaoine air a bhi reic an stuth phuinnseanta, dol as o’n mhallachd ud? Cha ’n fhaod sinn ach tomhas de ’n choire a charnadh air cinn ar fir-ionaid an Ottabha. Tha tomhas ro mhòr de ’n choire againn fhein, do bhrigh ’s nach ’eil sinn a roghnachadh daoine tha’n an cairdean do stuamachd, a chum ar gnothuichean fhaotuinn air dòigh ann an sin. Mur bhiodh mi-dhilseachd àireamh ro mhòr de shluagh na dùthcha so mu àm an fhogharaidh s’a chaidh, dh’ fhaodadh sinn an diugh a bhi ’deanamh gàirdeachais ann an lagh a chuireadh as gu buileach do mhalairt na dibhe làidir ’n ar measg. Nach ann a leugh sinn litir ’an aon de na paipearan Gallda o chionn ghoirid, o dhuine ’bha deanamh uaill á ministeir agus éildearan a chothionail anns an robh e fein a’ tuineachadh, a chionn nach d’ thug aon diubh a ghuth ’an aghaidh na deoch làidir air an naoidheamh là fichead de Sheptember s’a chaidh. Bha’n duine truagh a’ deanamh uaill á ni a chuireadh iomadh creutair ciallach gu nàire agus rugha gruaidhe. M. D. Iun 17, ’99. SEAN-FHACAIL. Cha’n ’eil tuil air nach d’thig traoghadh. Ceannaich mar b’fheum, is reic mar t-ailleas. Cha’n ’eil uaill ’an aghaidh na tairbhe. Cha’n ’eil airc ann gu airc na h-ainnis. Am fear nach guth a ghuth, cha radh a radh. Thig Dia ri airc, ’s cha’n airc ’n uair thig. Chan e gogadh na’n ceann a ni ’n t-iomram. Cha’n ’eil cleth air an olc, ach gun a dheanamh. Bithidh duil ri fear feachd, ach cha bhi ri fear lic. Am fear nach cuir ri fuachd, cha bhuain ri teas. Cha dean am Bodach breug, ’s a chlann a stigh. Coidlidh duin’ air gach cneadh, ach a chneadh fein. SANAS. Tha toil againn àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dhùblachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsean a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triùir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhéin a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-orain “Na Bàird Ghàilig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. A CHEUD neach a chuireas ugainn tri ainmean us tri dolair, no ceithir ainmean us ceithir dolair, dublaichear a dhuais. [TD 380] [Vol. 7. No. 48. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., IUN 30, 1899. AN FHRAING. IONNSUIDH AIR BEATHA LOUBET. Tha ’n Fhraing ann an staid mhuladach an diugh. Cosmhuil ris a’ chuan a tha aig aon àm ciùin ’us samhach le feadh nan eun air a bhroilleach, agus aig àm eile ’fas gu h-obann stoirmeil, stuadhach agus gailbheach, tha na Frangaich aon uair ciallach, stuama, toilichte, ’s aig uair eile ’deanamh fuaim eagalaich agus a’ call an ceille, leis gach othail, ’us imrich, ’us uprait air am bheil iad, mo thruaighe, min eolach, agus a thug ’s a tha ’tabhairt iomadh call ’us naire ’us masladh orra fein, agus air an dùthaich ghasda anns am bheil iad a’ gabhail comhnuidh. Is e daoine surdail, tapaidh a tha anns na Frangaich, agus anns gach gniomh ’us innleachd a tha ’deanamh maith moir do ’n t-saoghal gu h-iomlan, tha na Frangaich measail, agus tha buaidhean inntinn aca ’tha geur, treun ’us iongantach. Bho cheann beagan ùine, am feadh a bha Maighstir Loubet, Ceann-suidhe ùr na Frainge, ’lathair aig coinneamh air chor-eiginn, thug feadhainn am measg uaislean na tir ionnsuidh bhrùideil agus nàrach air. Dh’ fheuch iad le buillean trom a cheann a bhristeadh. Gu fortanach cha deachaidh moran dochainn a dheanadh air. Is e duine gaisgeil a tha ann; agus air an aobhar sin tha e ’cur roimhe gu diongmhalta nach bi eagal no sgath air ann an onoir na dùthcha ’s inbhe fein a dhion agus a chumail suas an aghaidh gach uilc, ’us tnu, ’s nàmhaid a dh’ eireas suas. Tha e nàrach ’us muladach da rireadh, gu rachadh tamailt air bith a charadh air Ceann-suidhe ’s ard-uachdaran na Frainge, ’s gu sonruichte leo-san a bu choir a bhi ealamh ’us toileach air Loubet a dhion ’s a neartachadh, leis gach caoimhneas ’us cairdeas a tha iomchuidh ’us dleasannach. On tha na Frangaich co furasda corruich a ghabhail agus a nochdadh, cha bhi ioghnadh air MAC-TALLA ’s orm fein ged a b’ fhearr gu mor fada le daoine tuigseach ’us comasach na Frainge an inbhe ’s airde anns an dùthaich a sheachnadh gu buileach. Chaidh Dupui ’s a chompanaich ann an riaghladh na Frainge ’chur as an aite, ged bha iad a’ deanamh an culaidh-mhaitheis airson soirbheachaidh, ’us sith, ’us seasgaireachd, ’us ceartas a bhuileachadh air an dùthaich gu h-iomlan. DREIFUS A FAOTUINN CEARTAIS. Tha crioch mu dheireadh a’ tighinn air cuis Dhreifuis, agus air gach eucoir a dh’ fhuiling e, bho cheann faisg air coig bliadhna. Bha e ’n a Cheannard airm anns an Fhraing. Is e Iudhach a tha ann. Bha amharus air feadh na dùthcha gu robh neach eiginn a bha eolach air gnothuichean diomhair na feachd a’ tabhairt eolais do na Gearmailtich air gach gunna ùr, ’s air gach acfhuinn airm a bha na Frangaich a’ deasachadh. Chaidh Dreifuis bochd, ged bha e neo chiontach, a dhiteadh ’s a chur thar a’ chuain gu ionad iomallach, am measg droch shluagh na Frainge, ann an ceann mu thuath America mu dheas. A chum ’s gu cuireadh iad air falbh gach amharus uatha féin, rinn ceannardan arda ’s uaibhreach an airm casaid an aghaidh Dhreifuis, agus chinn leotha anns an eucoir agus le ’m breugan mosach. Tha e cinnteach gu robh moran a bha ’creidsinn nach robh Dreifuis ciontach idir, agus gu deachaidh eucoir uamhasach a dheanamh air. Is e Sola, aon de sgriobhadairean na Frainge, aig am bheil inntinn thapaidh, ged nach ’eil e daonnan a sgriobhadh na nithean a’s fhearr agus a’s beusaiche, ’dhearbh gur e caraid a’ cheartais ’us na firinn. Ged nach robh eolas aige air Dreifuis idir, sgriobh e ann an doigh dhuineil, dhurachdach, gu robh e cinnteach gu deachaidh tamailt ’us eucoir nàrach a dheanamh air Dreifuis. Thionndaidh na ceannardan uaibhreach air Sola, ’s air sgath tearuinteachd da fein chaidh e ’nunn do Shasunn. Ma dh’ fhaoidte nach robh riamh roimhe uiread cainnt, ’us connsachaidh, ’us iorghuill mu dheibhinn neach no cuis air bith ’s a bha ann am Pàrlamaid na Frainge mu dheibhinn Dhreifuis. Thog ceartas a guth ’s a cumhachd fadheoidh. Tha dearbhadh follaiseach ann a nis gu robh ceannardan arda na feachd ag innseadh nan dearg bhreugan, agus a’ sgriobhadh paipeirean breugach ann an ainm daoine eile airson iad fein a dhion agus a thearnadh, agus an t-Iudhach bochd a dhiteadh. Tha aobhar aig an Fhraing a bhi muladach gu bheil a ceannardan arda—moran diu co-dhiu—co breugach, mi-onorach. Chaill iad le ’n gniomharan mi-bheusach, meas ’us muinghin nam Frangach thall ’s a bhos. Ma dh’ fhaoidte gu d’ rainig Dreifuis cheana caladh na Frainge. Gheibh e ’shaorsa gun teagamh; agus thig e doibhsan aig am bheil cumhachd duais shonruichte ’thabhairt da airson gach fulangais, ’us trioblaid ’us tair a thainig air. NEWFOUNDLAND. Tha dochas aig daoine Newfoundland gu fag na Frangaich ann an ùine ghearr gach ros ’us cladach air am bheil iad ag agairt coir anns an eilean. Thainig an t-àm gun amharus, anns am feum na Frangaich, le duais no gun duais idir, beannachd fhagail gu brath leis an eilean so. Co luath ’s a gheibh an t-eilean fuasgladh thigeadh e fein agus a shluagh ann an dluth chairdeas ri Canada, le ’bhi ’ga cur fein ann an ordugh sgiamhach mar aon de roinnean beartach Chanada. MUINNTIR ANTICOSTI. Tha ’n t-eilean Anticosti ’tabhairt trioblaid do aon de eaglaisean na duthcha. Cheannaich Frangach an t-eilean so; ’s tha iad ag radh gu do nochd e mi - chairdeas bronach ri daoine ’bha deanamh an dachaidh air an eilean mu ’n do cheannaich esan e. Tha iad a’ cur as a leth gu d’ fhuadaich e as an eilean iad, gun iochd, gun acarachd. Is e ’n lethsgeul air am bheil iomradh, gu bu nos do na daoine bochd so solus fealltach a nochdadh ann an dorchadas na h-oidhche, ’s air an doigh so gu robh soithichean seolaidh air am mealladh, agus a’ deanamh long-bhristidh air traighe ’n eilein. Tha ministeir a tha min-eolach air na daoine truagha so, ag innseadh leis gach durachd nach ’eil focal firinn anns an sgeula thiamhaidh; oir gur e daoine dichiollach, stuama, beusach a tha anns na daoine ud. Tha fearg mor air an eaglais (Methodist) d’ am buin na daoine ’tha air am fogradh as Anticosti, do bhrigh gu bheil Tarte, aon de luchd-riaghlaidh Chanada, ’cumail a mach gur e droch chomhluadar a bhuineas do na daoine ud, agus gu bheil e tuille ’s fior gu b’ abhaist doibh le soluis mhealltach, a bhi ’cur soithichean seolaidh air seacharan. Bitheadh neach air bith, ard no iosal, bochd no beartach, tha ’dheadh-ainm taitneach ’us luachmhor ’na shuilean fein; agus tha e daonnan airidh air cliu ’s air comhnadh an trath a tha e deas ’us gaisgeil airson a chliu a dhion ’s a theasairginn bho gach spid ’us tàmailt, bho gach mi-run ’us mi-mheas. CONA. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. FOSGLADH Pairc Throtaidh Cheap Breatunn, ANN AN SIDNI, C. B., Iulaidh 13 & 15, 1899. Aon de na nithean a’s taitniche chithear aig a Charnival. Bidh tri Reisean ann gach latha, agus bidh Duaisean o $120 sios gu $10 air an toirt seachad. Eadar an da latha bidh $1,000.00 air a thoirt seachad mar dhuaisean. Bidh da reis gach latha fosgailte do eich a aite sam bith ’sna Roinnean Iseal; bidh aon reis fosgailte mhain do eich a bhuineas do eilean Cheap Breatunn. D. A. HEARN, RUNAIR. Sidni, Iun 19, 1899. [TD 381] [Vol. 7. No. 48. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh duine d’ am b’ ainm Evans a mharbhadh ann am méinn an Reserve feasgar Di-luain, le tuiteam guail. Bhuineadh e do Chonception Bay, an Newfoundland. Tha a Chùirt Mhor ’na suidhe anns a bhaile air an t-seachdain so, ’s am Breitheamh Ritchie air a ceann. Tha àireamh mhor chàsan ri bhi air am feuchainn, ach cha’n eil a chuid a’s motha dhiubh ro-chudthromach. Bha baile Halifacs ceud gu leth bliadhna dh’ aois seachdain gus a bhòn-dé. Cha deach an latha chumail le greadhnachas sam bith; cha’n eil am baile cho beairteach ’s gu ’m b’ urrainn daibh airgead sam bith a chosg anns an dòigh sin, agus dhiult a pharlamaid cead a thoirt dhaibh airgead a ghabhail an iasad. Tha an t-side fuireach gle fhuar, agus cha ’n eil, air an aobhar sin, feur no fochann idir cho adhartach ’s bu chòir dhaibh a bhith mu’n àm so. Cha d’ thainig air an t-samhradh ach latha ainneamh a bha teas mor ann, agus bha cheud chuid dheth gu math tioram. Tha uisge gu leòr a sileadh air a mhios so, ach tha am fuachd a’ cumail an fhàis air ais gu mor. Tha crasleichean nam mucan - dubha chaidh a mharbhadh toiseach a gheamhruidh air feadh na h-acarsaid fhathast, agus tha fear dhroch àileadh dhiubh. Thatar a bruidhinn ’sa gearan orra o’n thainig an samhradh, ach tha iad gun toirt air falbh fhathast. Mur cuirear as an rathad iad mu ’n tig fior theas an t-samhraidh, bidh e cunnartach gu’n tog iad galair anns an àite. Cha’n fhaod a bhith nach deanar rud-eigin riutha romh àm a Charnival; mur dean gràinichidh iad na coigrich air dhòigh ’s nach tig iad rathad a bhaile tuilleadh. Tha bliadhna MHIC-TALLA a criochnachadh leis an àireamh so, agus bu mhath leinn ar càirdean a chur ugainn pàigheadh bliadhn’ eile gu’n dàil. Bha an geamhradh ’s an t-earrach fada agus gann a dh’ airgead, agus air an aobhar sin tha am paipear aig an àm so cho feumach air airgead ’sa dh’ iarramaid fhaicinn. Tha dòchas againn, ma ta, gu ’n dean gach aon de ’luchd-gabhail a dhleasanas, agus gu’m bi againn ri àireamh mhor ainmean a chur anns gach àireamh a thig am mach an deigh so. Feuchadh gach aon ri ’ainm fhéin a bhi am measg “Iadsan a Phàigh” ann an àireamh na seachdain s’a tighinn. Tha luchd-iasgaich nan giomach air cladaichean sear an eilein so o chionn àireamh bhliadhnaichean ag iarraidh cead leantail air an glacadh fad choig latha deug an deigh sgur dhe’n glacadh ann an cearnan eile. Tha iad ag iarraidh sin a chionn nach urrainn daibh tòiseachadh air an glacadh an so idir cho tràth ’s is urrainnear an àiteachan eile, far nach eil deigh mhor no stoirmeannan ’gan cumail air ais ’sa bristeadh nan lion. Cho fada so cha d’ thug an t-ard-riaghladh sin dhaibh, ach tha làn dhùil aca ris am bliadhna, agus se’s dòcha gu’n toirear dhaibh an cead a tha iad ag iarraidh an ùine gun bhi fada. Bha Somhairle C. Caimbeul, riaghladair Eilean Phòil, anns a bhaile Di-màirt, agus rinn e céilidh bheag an oifig MHIC-TALLA. Tha Mr. Caimbeul an deigh iomadh bliadhna dhe bheatha chur seachad air an eilean aonranach sin, far nach ruig am post’ e ach uair ’sa che’-la-deug ’san t-samhradh, agus far nach ruig e idir e fad a gheamhraidh. Tha e air an turus so a thoirt a theaghlaich leis dh’ ionnsuidh an eilean. Is Gàidheal gu chùl Somhairle; tha e leughadh MHIC-TALLA cho riaghailteach ’sa tha e ’ga ruigheachd, agus tha e ’g iarraidh oirnn moran taing a thoirt air a shon do’n duine chòir a tha sgriobhadh “Mar a rinn mi m’ Fhortan.” Thachair sgorradh muladach ann an Summerside E. P. I., Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha ceathrar nigheanan beaga air am bàthadh mu choinneamh an dachaidhean fein. Chaidh coignear dhiubh a mach a bhuain maorach, agus an tràigh ann; thainig an làn a stigh, agus mu’n tug iad fa-nar an cunnart anns an robh iad, bha ’n t-uisge ’gan cuartachadh. Dh’ fheuch iad ri grunnachadh gu tir, ach ’se aon te a rainig; bha cach air am bàthadh. Cha robh an te bu shine ach ochd bliadhn’ deug a dh’ aois, agus an te a b’ òige sia bliadhna. Chaidh fear Uilleam Henderson, a mhuinntir Cheap Breatunn, a spùineadh ann a Halifacs, air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh e do thigh-òil air sràid Bhrunswick, agus an sin thugadh deòch dha a chuir as fhaireachadh e, agus fhuaireadh e maduinn an ath latha na shineadh air an t-sràid. Bha uaireadair agus deich dolair fhichead a dh’airgead air a shiubhal nuair a chaidh e do’n tigh-òil; cha robh cuid seach cuid aige nuair a fhuaireadh air an t-sràid e. Bha an t-uaireadair gle luachmhor. Tha maoir a bhaile a feuchainn ris na spùinneadairean a lorgachadh. Tha moran de dhroch àiteachan air sràidean Halifacs, barrachd mor ’sa leigeadh a leas a bhi ann ’nan toireadh maoir us luchd-riaghlaidh a bhaile ionnsuidh onarach air an cur as. Tha gnothuichean gu math na’s fhearr ann an Caledonia na bha iad deireadh na seachdain s’a chaidh. Fhuaireadh an teine chur as gu buileach, agus tha dùil ri bhi ’g obair anns a chuid sin de’n mhèinn nach eil fo uisge mu mheadhon na seachdain s’a tighinn. Tha so na dheagh naigheachd, oir na’m b’ fheudar a mhèinn a chur gu buileach fo uisge, cha ghabhadh i obrachadh gu ceann naodh miosan, agus bhiodh eadar seachd us ochd ceud duine ’nan tàmh. Mar a tha, cha’n eil ach pàirt di fo uisge, agus faodar a chuid eile obrachadh gun dàil sam bith. Fhuaireadh corp Dhomhnuill Mhàrtuinn, maduinn Di-màirt s’a chaidh, mu cheud troigh o’n àite anns an d’ fhuaireadh cuirp chàich. Chaidh a thiodhlacadh an latha sin fhéin aig Schooner Pond; tha e fàgail bantrach agus triùir chloinne. IADSAN A’ PHAIGH. Domhnull Mac Leoid, Detroit, Mich. Ruairidh Mathanach, Provincetown, Mass. D. I. Mac Amhlaidh, Chester, S. C. Seumas Mac Eachairn, Colo. Springs, Colo. Iain L. Brower, New York. An t-Urr. D. Healy, Sodalia, Mo. An t-Urr A. MacGillebhràth, Dunmaglas, NS D. Mac D. Caimbeal, Dartmouth, NS Caipt. Raonull Moireastan, Halifacs, NS Iain Moireastan, Halifacs, NS Ailean Domhnullach, Halifacs, NS Ailean Mac Dhomhnuill, Hastings, B. C. D. R. Stiùbhart, Belle Creek, E, P. I. Alasdair Caimbeul, Brook Village, C. B. R. A. Mac Gille-mhaoil, Lorway Mines. Gilleasbuig Domhnullach, Bridgeport. Bean Thomais Chaimbeil, Gleann-comhan, Aonghas C. Buchanan, Marsh Lake. Niall Mac Coinnich, Fourchu. Iain A. Mac Cuthais, Whitney Pier. D. R. Boyle, West Arichat. Niall Domhnullach, Acarsaid Mhabou. Tormod Mac Leoid, Reserve Mines. D. C. Domhnullach, Birch Grove. D. I. Domhnullach, Bridgeport. Somhairle C. Caimbeul, Eilean Phòil. Anna Mhathanach, Valley Mills. Domhnull Mac-a-Phi, Glen Morrison. An t-Urr D. Mac Isaic, Glendale. R. Barclay, Sydney Mines. BAS. —Aig Loch Bhlackett, Sidni Forks, air Di-ciaduin, an aonamh latha fichead de’n mhios, Alasdair Mac Coinnich, mac Ruairidh Mhic Coinnich (an t-eildear), seachd bliadhna fichead a dh’ aois. Bha e ’na dhuin’ òg air an robh fior dheagh chliù, agus a bha lan airidh air meas us gradh gach neach a fhuair eòlas air. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co. AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [Dealbh] MA tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn. SINDI, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 382] [Vol. 7. No. 48. p. 6] SGEUL TAITNEACH. Bha Diadhair urramach car iomadh bliadhna ’g ùrnuidh gu dian gu’n deònaicheadh Dia duine ’chur g’a ionnsuidh a theagaisgeadh e ann an slighe na firinn. Gu moch air maduinn àraidh, chaidh aithneadh dha ’am bruadar dol do’n eaglais, agus gu’m faigheadh e neach a theagaisgeadh dha slighe na fìrinn. ’N uair thàinig e gu dorus na h-eaglais, choinnich e duine ann an éididh luideagaich, do’n do bheannaich le “Maduinn mhath dhut,” “Cha d’fhuair mi riamh droch mhaduinn,” fhreagair an duine bochd. “Tha sin iongantach, ’s math leam a ghnàth thu fortanach.” “Cha robh mi riamh mi-fhortanach,” deir esan. “S maith leam a ghnàth thu sona,” deir an Diadhair. “Cha robh mi riamh mi-shona,” ars’ am fear eile. “Bu mhìann leam gu mìnicheadh tu do chàinnt,” deir an Diadhair. “Ni mi sin gu toileach,” fhreagair an duine bochd. “Thuirt mi nach robh riamh droch mhaduinn agam; oir air gach maduinn, ma tha mi air mo bhioradh le ocras, tha mi ’moladh Dhé. Ma’s uisge, no sneachd, no clach-mheallain, a t’ ann, co aca ’tha ’n latha ciùin no stoirmeil, tha mise ’moladh Dhé; agus air an aobhar sin, cha’n ’eil, aig àm sam bith, maduinn dhubhach agam. Ma tha mi truagh folamh do thaobh nithe ’n t-saoghal, ’s air mo chur surach, tha mi fathast a’ moladh Dhé. Ghuidh thu dhomh ’bhi fortanach; ach cha-n fhéud mi bhi mi-fhortanach, do bhrigh nach éirich ni sam bith dhomh ach sin a bhios a réir toil Dé; agus tha mi ’creidsinn gu’m bheil a thoilsa do ghnàth maith anns gach ni ’tha e ’deanamh, no ’gealltuinn a dheanamh. Ghuidh thu dhomh ’bhi sona; ach cha’n urrainn dhomh ’bhi mi-shona, do bhrigh gu ’m bheil mo thoil a ghnàth strìochta do thoil mo Dhé.” “Ach ciod a theireadh tu nan tilgeadh Dia sìos do ifrinn thu?” “Tha dà ghàirdean agam, Irioslachd agus Gràdh, le’n cumainn gu teann mo Shlànuighear, ’s nach leiginn as e; agus bu roghnuiche leam a bhi ’n ifrinn maille ri Dià, na bhi ’m flaitheanas as easbhuidh.” D’fhiosraich an Diadhair fo mhòr iongantas ri freagraibh an duine bhochd, cia as da. “Thainig mi o Dhia.” “C’ àit’ an d’fhuair thu e?” “Far an do thréig mi ’n saoghal.” “C’ àit an d’fhàg thu e.” “Maille riu ’san a ta glan ’nan cridhe.” “Cò thu?” “Is rìgh mi.” “C’ àit am bheil do rìoghachd?” “Ann mo chridhe féin; dh’ fhoghlum mi mo chaileachdan ’s m’an tograidhean a cheannsachadh, agus is féarr sin na bhi riaghladh as-ceann rioghachd sam bith fo’n ghréin.” “Cionnus a ràinig thu air an t-suidheachadh shona sin?” “Le tosd, beachd-smuainteachadh spioradal, agus aonadh ri Dia. Cha robh ni sam bith ach Dia a b’urrainn m’ iarrtus-sa a riarachadh. Fhuair mi a nis e agus annsan fhuair mi sith agus fois.” C. N. G. Carnival Samhraidh Shidni. AIR Iulaidh 12, 13 & 14, 1899. BIDH Soithichean Cogaidh BREATUNNACH, FRANGACH & GEANCACH a lathair a ghabhail pairt. Cuiridh Ramhaichean a’s fhearr ’s a’s ainmeile an Canada Reisean AGUS Bidh Duaisean o $200 sios gu $50 air an toirt seachad. REISEAN EILE aig bataichean beag us mor—le aon ràmh, da ràmh, us ceithir ràimh; reisean thubaichean; reisean snàimh, &c., air son am bi Buinn-Chuimhne Oir us Airgiod air an toirt mar dhuaisean. Reisean Sheoladairean bhar nan soithichean-cogaidh; duaisean o $30 gu $10. Bataichean Iasgaich Reis sheolaidh, deich mile dh’ astar. Duaisean $59 gu $25. Reis Iomairidh, $10 agus $5. Bataichean Philots—ceithir ràimh—$30 agus $15. Bataichean Philots air an iomaireadh le gearradairean guail—ceithir ràimh—$30 agus $15. AIR TIR bidh Reisean Rothairean; Ruith; Leum Ard; Leum Fada; Tilgeadh na Cloiche Neirt; agus gach cluich eile dhe ’n t-seorsa sin. Coimh-cheol Bhand. OBAIR THEINE Soillseachadh anns an Acarsaid leis na Soithichean Cogaidh; Teintein Eibhneis; Soillseachadh mor anns a bhaile, &c., &c. Fosgladh na Pairc Throtaidh BIDH FARADH ISEAL air na carbaid-iaruinn ’s air na bataichean-smuide. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C.B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADHNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B. [TD 383] [Vol. 7. No. 48. p. 7] GEARR SGEULA. Tha’n sgeul a leanas air aithris mu bhalachan beag a bhuineadh do aon de eileinean a chuain deis. Bha ’m balachan so a bha mu cheithir bliadhn’ deug a dh’aois, air a chur air bord air luing, maille ri triuir eile, chum a bhi air an toirt do dh’ America; far an robh cairdean ’us ealadhain ri bhi air am foghlum dhoibh. Thug an sgiobair peiteag ro eireachdail de eudach uaine do Hoopoo (or b’e sin ainm a’ ghiullain), agus bha i anabarrach luachmhor ’na bheachd. Air aon latha, goirid an deigh dhoibh seoladh, le tuiteamas cigin thuit Hoopoo thar an taobh. Thilg aon de na seoladairean seana chliabh a bha air bord airson eunlaith a ghleidheadh, ’na dheigh. Bha’n soitheach aig an am lan a h-eudaich, agus mu’n deach aig an sgiobadh air a h-astar a thoirt uaipe bha Hoopoo fada ’n an deigh. ’N uair a thainig e ’n uachdar ’sa fhuair e sealladh air an luing dh’ oirdhirpich e snamh ’na deigh; ach ’n uair a chunnaic e, an aite ’bhi buidhinn oirre gur h-ann a bha e ’call, thuit a mhisneach. Chuir e ’n sin suas urnuigh dhurachdach ri Acooa an dia breige d’an robh e deanamh seirbhis, agus bhoidich e dha, nan saoradh se e o’n ghabhadh ’s an robh e gu’n tugadh e dha a’ pheiteag uaine mar thabhartas ’n uair a philleadh e air ais. Thug e’n sin fainear do’n chliabh, agus ’n uair a fhuair e greim air theasraig so e fein gus an d’ thugadh air bord e. Re na bha roimhe de’n turus cha’n fhacas a’ pheiteag uaine uime; agus nan iarradh aon de ’n sgiobadh air a chur air, ’s e ’theireadh e “Cha bhuinn i dhomhsa—choisrig mi i do Acooa. Nan tugadh neach air bith laimhseachadh suarrach do’n pheiteig mheasadh Hoopoo e mar thamailt do Acooa, agus bhiodh e ro dhiulich. Fad’ an deigh dha America a ruigheachd cha’n fhuilingeadh e do neach air bith meur a chur air a ’pheiteig; agus cha’n fhaca se e fein fa sgaoil o bhoid gus an d’fhoillsich an Dia fior dha nach “de iadsan a nithear le lamhan.” ’Bheil thusa ’leughadair a’ deanamh tair ann ad chridhe air a ghiullan so air son a leithid de dh’ aineolas a nochdadh. Feudaidh e bhi gu ’n d’ fhiosraich an Tighearna thusa le trioblaid eigin, agus am feadh a bha thu ann an sarachadh gu’n do gheall thu, nan deanadh e fuasgladh ort, gu’n tugadh tu thu “fein suas da mar bheo iobairt naomha, thaitneach!” ach mo thruaighe! co luath ’sa chaidh an cunnart seachad dhi-chuimhnich thusa do bhoidean agus phill thu ris ri t-amaideachd. Ma tha mothachail gur h-e so do chor, dean, eadhoin a nis, deifir gu d’ bhoidean iocadh do’n Tighearna mu m bi e tuille ’us anamoch. SYDNEY HOTEL. Luchd-Cuideachaidh. Tha DEICHNEAR NIGHEAN a dhith oirnn air son Obair Taighe; mar an ceudna Cocaire Math Phitheannan (Pastry) d’ an toirear deagh thuarasdal. Feumaidh iad uile Beurla bhi aca. G. L. HANNINGTON. Sidni, Iun 29, 1899. Cha bhi ’m bochd soghar saibhir. Am fear nach seall roimhe, seallaidh e ’na dheigh. Am fear a ghleidheas a theangadh, gleidhidh e charaid. Ged a sharaichear an Sean-fhocal cha bhreugaichear e. Mar thuirt clag sgain, an ni nach buin duit na bean da. Cha d’ orduich Dia do’n duine bhochd an da la cho olc. Am Feillire. IUN, 1899. 1 Dior-daoin Là Dhruimclog, 1679. 2 Di-haoine 3 Di-satharna Breith Thormoid oig Mhic Leòid, 1812. 4 DI-DONAICH II. Donaich na Caingis. 5 Di-luain 6 Di-mairt 7 Di-ciaduin Bàs Righ Raibeart Brùs 1329 8 Dior-daoin 9 Di-haoine An fhéill Chaluim. 10 Di-satharna Là Ghlinn Seile, 1719. 11 DI-DONAICH III. Donaich na Caingis. 12 Di-luain 13 Di-mairt An Fhéill Chairill. 14 Di-ciaduin Là Naseby, 1645. 15 Dior-daoin 16 Di-haoine 17 Di-satharna Là Raon-Ruairidh, 1689. 18 DI-DONAICH IV Donaich na Caingis. 19 Di-luain [18] Là Bhaterloo, 1815. 20 Di-mairt 21 Di-ciaduin An là a’s fhaide ’sa bhliadhna 22 Dior-daoin 23 Di-haoine An Fhéill Mhath-Luthaig. 24 Di-satharna 25 DI-DONAICH V. Donaich na Caingis. 26 Di-luain 27 Di-mairt Bàs Righ Deorsa IV., 1830. 28 Di-ciaduin Crùnadh na Banrigh, 1838. 29 Dior-daoin An Fhéil Pheadair ’us Pòil. 30 Di-haoine Bàs Eoghain-na-Pillidh, 1817 MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 8, U. 2, M. 6 M A’ Cheud Chairteal L. 16, U. 5, M. 32 M An Solus Lan, L. 23, U. 10, M. 6 M An Cairteal mu dheireadh L. 30, U. 0, M. 31 M DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL, ’s air muinntir eile a tha air son “Typewriter” a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na Blickensderfer No. 5, mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35. Tha seorsachan eile againn cuideachd. CREELMAN BROS., TYPEWRITER CO., 15 Adelaide St. East, TORONTO, ONT. H. D. MAC ILLE-MHAOIL Stewartdale, C. B. CLOTH, DROGAID, AGUS Plaideachan “EUREKA.” Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic. Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich. Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Iarr air na Marsantan EDDY’S “EAGLE” Parlor Matches 200s. “EAGLE” Parlor Matches 100s. “VICTORIA” Parlor Matches 65s. “LITTLE COMET” Parlor Matches AN SEORSA ’S FHEARR AIR AN T-SAOGHAL. GUN SRAD PRONNAISG. The E. B. EDDY CO., Limited, HULL, P. Q. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 384] [Vol. 7. No. 48. p. 8] SGIALACHD NA TROIDHE. An Dara Duan. AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOBHAN MAC LACHAINN. Taisbeanadh an Fheachda; agus aireamh nam fineachan Greugach agus Troidheach. Labhair e; ’s dh’ éirich a’ chùirt, An ùmhlachd do righ nan laoch; Thriall gach triath ’s a cholbh na ’ghlaic ’S dhòirt na’n déigh am feachd romh’n raon, Amhuil mar thaosgas na ’n deann, Beachan srannrach bho’n chraig-chòis; Sìr-shruthaidh na buidhnean luath, Sgaoth air sgaoth thair cluain an fheòir; Chitear am frith-léumraich bhaoth, Bhos a’s thall feadh raon nan driùchd; ’S caignean diubh cruinn air gach bàrr, Mu bhlàthan an Earraich ùir. Sin mar thuil-bhrùchdadh na slòigh, Bho chòmhnuidh nam bùth ’s nan long, Ag gluasad na ’n sréudan cian, Seachad siar ri bial nan tonn, Adh ionnsaidh pubull an righ; Thaosgadh iad romh ’n tìr mar nial. Chluinneadh tu ’g osnaich am fonn, Aig tartar am bonn ’s an triall, Rompa chaidh Alladh na ’léum, Ban-teachdair àrd-sgéulach Iòbh. Dhèarrs i os an cionn ’s an spéur, ’S i mosgladh nan tréun gu glòir. Theanail na deich miltean cruinn, Le gaoir bhruidhne ’s tailmrich chas. Naoidh maoir gu h-oscarra gairm, Gu’n sìoladh an toirm gu fois. A clàistinn toil nan deagh rìgh, Shuidh air bùird a sìos gach tréubh; Bha chomhairl’ iom-loinntreach, làn, ’S ghabh a’ ghleadhraich tàmh gu léir. III. Moralach air tùs gach drèam, Agamemnon dh’ éirich suas. Thog e gu rìoghail na ’dhòrn, An trom cholbh a b’ òrbhuidh snuadh— Dheilbh Bhulcan ant iongnadh grinn Mar thiodhlaic do rìgh nan spéur. Thug Iòbh i do Hermes àigh— Marbhaich Arguis nan sùl géur— Bhuilich Hermes i na ’dhéigh, Ortsa, Phéloips nan stéud luath. ’S bho Phélops thàinig i nìos, Gu deagh Atreus, triath nan sluagh. Atreus dh’ fhàg an dìleab chòrr, ’S mheal Thyestes nam mòr-thréud. Dhealraich i nis ann an cùirt Agamemnoin, iùl nan tréun; Chum ’s gu’m biodh Argos fo smachd ’S gorm-eileanan pailt a’ chuain. Leig e ’thaic air a’ bhall òir, ’S thionsgain glòir bu sheòlta cuairt; “Fheara cuinn cridhe na Gréig’, A dh’fhoghluim éuchd bho Mhàrs nam buadh, Ormsa chàirich Iòbh, ’s cha b’ àm, Trom-eallach nan ànradh cruaidh. Mo ghuin ’s mo dhìobhuil an gnìomh, Gheall, a’s gheall e—’s cian bho’n là, Gu’n lom-sgriosainn Tròidh nan tùr, ’S tilleadh ait gu m’ dhùthaich ghràidh; Nis bho’n struidh mo mhaoin ’s mo loinn ’S gu’n d’imreadh orm foill nach b’ fhiùgh, Ni cha didein m’ fhuighleach truagh, Ach teicheadh thair chuan gun chliù. (Ri leantuinn.) LOCH-NAN-GARR. EAD. LE NIALL MAC NEILL. A’ m’ shealladh a chòmhnaird, A liosan nan ròsan! ’N ’ur measg-sa biodh mùirnean Na sògh ré a shaog’l; Thoir dhòmhsa na stùcan Fo ’n t-sneachda le ’shròlaibh An còmhnuidh ’tha ’g altrumas Saorsa is gaoil! Seadh, Albainn mo chridhe, ’S ro ionmhuinn do bheannta! Mu ’n cinn gheal’, O chithinn. Na dùilean ri àr; An àit srùlag uillt Chithinn mire ’n Eas steallmhoir— Tha mise an geall Air gleann donn Loch-nan-Gàrr. Ah! ’n sud bha mo cheuman A’ m’ òige gu tlachdmhor, B’i bhoineid an ad leam, B’ e ’m breacan mo chleòc; Mo chuimhn’ air cinn-fheadhna A dh’ eug bha mi ’cleachdadh, ’S mi mànaran troimh ghlacaig Na coille gach lò; ’S cha’n iarainn dol dhachaidh Gu’n ciaradh am feasgar ’S gu’n seargadh a mhais’ Roimh na reultaibh gu h-àrd; Oir sholairinn sùnnt am beul-aithris Na h-eachdraidh A gheibhteadh o nàistnich Ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. “A thaibhsean nam marbh! Nach cual mi ’ur guthan A’ siubhal troimh ’n t-soirbheas An anail na h-oidhch’?” O ’s cinnt’ gu ’m bheil éibhneas Air anam a’ churaidh Ri turus trè ’ghleann féin Air sgiathaibh na gaoith, Mu’n cuairt Loch-nan-Gàrr ’N nuair a dhùmhlaicheas gaillionn ’S an Geamhradh á ’chathair Fhuair reòit a’ cur fàilt, Tha neula a’ cuartachadh Chruthan mo shìnnsear Tha ’chòmhnuidh an sìontaibh Ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. “Am fac sibh ’n ur n-aisling, Ged bha sibh co treubhach, Gu ’n robh e an dàn Nach biodh éifeachd ’n ur stri?” Ah! ’m b’ e bhur dàn Aig Cuilfhodair gu’n eugadh? Cha d’ éirich leibh buaidh, ’S ann a thuit sibh ’s an fhrìth; Gidheadh, bha sibh sona! Clos talmhaidh an eugaidh ’G ’ur càradh le ’r treubhaibh An uamhaibh Bhramàir; A’ phìobaireachd fuaimneach, Do nualan a’ phìobair’— Sgeul ’ur gnìomh’ air mactalla Ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. Chaidh bliadhnachan seach, ’Loch-nan-Gàrr, o’n a dh’ fhàg mi; Ni bliadhnachan tàr as Mu’m faic mi thu ris; Sgiol Nàdur de d’ chinneas ’S de phlùraichean t’àill’ thu, Gidheadh ’s tu a’s fèarr leam Na còmhnaird réidh’ mhìn’, O Shasuinn! do mhaise Tha coitchinn, neo-ghreadhnach Do aon a thriall suas air Na beanntaibh gu’m bàrr; O, nach robh mis air Sgòrr fhiadhaich nan aonach! An glòir chais neo-aobhaich Ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr. Grace Darling. Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh de September, shàbhail Grace Darling agus a h-athair, le’n tréine, naodhnar dhaoine o bhi air am bàthadh. Tha’n obair sin, sàbhaladh-beatha a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slàn an dòigh a’s fhearr air son a bhi fior shona. Tha stamagan noo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e àite ’n faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shàr-mholadh. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & CO. 361 Broadway, New York Branch Office, 625 F St., Washington, D. C. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE NO. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99.—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichean fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin; agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle.