[TD 1] [Vol. 5. No. 1. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 4, 1896. No. 1. Litir a Baile New York. A DHEAGH CHARAID,—Cha chuir uisge no gaoth, fuachd no teas casgadh air MAC-TALLA gu bhi ’gabhail a chuairt sheachdain a measg aireamh mhath de Ghaidheal air an taobh so, agus air taobh eile chuain. Cha chluinnear guth mor na droch fhácal, leisgeul na buaireas inntinn ’tighinn á fhàrdaich, ach, an comhnuidh a toirt dhuinn eachdraidh, agus eòlas air nithean taitneach a ghluaiseas aigne gach fior Ghaidheal aig an tigh is uaithe. ’Nam bitheadh gach aon againn tha gabhail oirnn bhi gluasad an riochd Ghàidheal cho dileas ri MAC-TALLA gus a Ghàidhlig a chumail beò, agus eachdraidh, ceòl us litireachas ar sinnsir a chraobh-sgaoileadh dh’ fhaodadh maid eigheach le guth ard, “S’ Gaidheil sin uile, thoir dhòmhsa do lamh.” Ach, ’s mor m’ eagal gur iadsan a chaill an Gaidhlig s’ nach d’ fhuair am Beurla nàmhaid” is luaidhe ni tàir air a chanain lionmhor, bhrighmor bhlasda, bhinn. Dh’ aindeòin co theireadh e, togaidh a Ghaidhlig a ceann aosda liath gu ciallach, folaiseach agus gheibh i cairdean dileas gus a treòrachadh air adhart gun sgath gun eagal, roimh Ghaill leibideach, no Gaidheal spagloinneach. Tha ’n seorsa so ri fhaotainn anns gach baile mòr ’s beag, treallain gu’n chridhe gun eanchainn. Mar tha fhios agaibh tha moran Ghaidheal ’sa bhail so, àireamh mhath dhiubh nach faca riamh duthaich an athairichean—“Gaidhealtachd na h-Alba.” Coma co dhiubh labhraidh iad gu fallain reidh Cànain Fhinn is Oisein, agus seinnidh iad gu blasda binn orain “Tir an fhraoich.” Nach sòlasach gu ’m bheil an cothrom so againn mar Ghàidheil bhi cruinneachadh fo mhios gu mios mar Chomunn Gaidhlig New York, agus a stri ri bhi cumail suas eachraidh, ceol, agus litireachas Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach. Air a mhios sa chaidh, thug an t-olla I. D. Prince òraid eireachdail dhuinn air “Litireachas agus ceòl nam Breathannach.” Air dha innseadh ann am briathran snasda an dluth-cheangal tha eadar na Breathannaich s’ Gaidheil Albuinn ann an coltas, fearas-cuideachd, ceol, agus seann chleachdainean. Mar eiseamplair air an ceol, sheinn e da oran, tiamhaidh agus togarrach. Anns a cho-dhunnadh labhair e ann an Gaidhlig bhlasda reidh na briathran a leanas:— “Ceadaichibh dhomh nise facal no dha a labhairt ribh n’ ur cànam féin. Thug mi dhuibh an nochd eachdraihh bheag agus ma dh’ fhaoite neo-iomlan air litireachas agus ceòl nam Breathannach. ’Nam bheachd-sa an ni a rinn iadsan agus a tha iad a deanamh an diugh air sgath an cànain agus am beatha cinneadail, faodaidh sibhse mar Ghaidheil a cheart ni a dheanamh as leth bhur cainnt, ceòl agus litireachas féin. Tha moran Ghàidheal anns an dùthaich fharsuing so, agus anns a bhaile so fein àireamh mhath a dh’ fhaodas an corr a dheanadh as leth cleachdanan agus gniomharan nan daoine coire o’n d’ thainaig sibh. Cuimhnichibh mar an ceudna gu bheil sinn uile mar aon teaghlach a thaobh nan nithean mu ’n a labhair mi, agus na leigibh leis a Ghàidhlig bàs fhaotainn ’nur lamhan.” Bu choir do gach Comunn Gàidhlig anns gach àite sanas a gabhail de na briathran tarbhach agus feumail so agus do na h-uile tha stri ris a Ghàidhlig a chumail beò. ’S i ionmhas is luachmhor tha fuaighte ri broilleach gach fior Ghaidheal, “’S nach treig sinn gu brath, gus an laidh sinn fo ’n fhoid.” Ged tha mor eòlas aig Professor Prince air ioma cànain, agus a labhras e gu fileanta suas ri ochd canainean tha e ’g aideachadh gu bheil a Ghàidhlig feumail agus ro-bhrighmhor air mhodh sònruichte. Na leigeamaid leis a Bheurla bhi tolladh a stigh ’nar measg:— “Na biodh coire againn do ’n Bheurla; Gur taitneach ’na-h-àite féin i; ’S tric a bha i dhuinne [?]umail, Is b’ éisleanach sin [?].” Agus gu sonraichte [?] n’ earalas air fearas-chuideachd na m[?]r tha feuchainn ri bhi ’san fhasan, agus a stri ri cleachdainean nam bailtean mora bhi ’ga sparadh air aobharan Comunn Gàidhealach sam bith Nach taitniche ra éisdeachd, an cluas a Ghàidheal sgal na Pioba na dranndan an Tambourine? Nach eireachdail gu mor ri fhaicinn Danns a chlaidheamh na frith-leum Yankee doodle doo? Co-dhuibh ’s fearr a bhi ’san fhasan no bhi ’nur Gaidheil? Bithidh sibh toilichte chluinntinn gu ’m bheil an tusal urramach mu ’n robh sinn a bruidhinn, I. D. Prince air a thuras gu Tir an Fhraoich; ’s mi tha cinnteach gu ’n doir mo charaid Fionn da fàilte chridheil Ghaidhealach. Guidheam buaidh leis is’ beannachd, Dh’ fhalbh am Prionnsa, nunn thar sàile, Dh’ falbh am Prionnsa ho hi hù o, Slán gu ’n ruig s’ gu ’n till e sàbhailt. Daonnan bhur Caraid, DON ’ULL EACHAINN. An òg mhios, 1896. ELIAH. Is e la mor agus la ’bhitheas iomraiteach anns gach linn a tha ann. ’Nam buidhnean mora tha ’n sluagh a’ trusadh as gach cearna ’a oisinn de’n tir, oir tha àrdan an cridheachan air a bhristeadh gu mor le goirt ’us acras nam bliadhnachan anns nach do bhraon drùchd air an talamh agus anns nach do dhòirt na neòil a nuas uisge. Tha stucain ’us tulaichean Chairmeil còmhdaichte le sluagh seachranach Israeil; leis na fàidhean breugach a mheall am pobull; le Ahab agus le ’luchd leanmhuinn, sgeadaichte ’n an culaidhean riomhach. Ma dh’ fhaoidte nach ’eil am measg a’ mhor-shluaigh a bha cruinn air Sliabh Chairmeil, neach a tha seasmhach, treibhdhireach us neo ghluasadach mar tha Eliah, ann an eagal ’s air taobh an Tighearna, ach Ob d ah a mhàin. Mar is gnath le Dia, do bhrigh gu bheil gràdh aige do obair a làimhe féin, ged is fuathach leis an t-olc, a tha e le mor-irioslachd a’ dol a thoirt dearbhadh do ’n t-sluagh air cia cho neo-chomasach ’s a tha Baal, d’ am bheil iad ag iobradh air ionadan àrda na dùthcha, air cobhair a dheanamh orra, no còmhnadh a dheanamh leo. Nach ioghnadh gu bheil Dia, aig nach eil feum air seirbhis no moladh air bith as urrainn daoine ’thoirt seachad, Esan a dh’ fhaodadh ann am priobadh na sùile ’s ann an lasan teith a chorruich faidhean us sagairtean Bhaail, uachdarain baoghalta ’s cinneach peacach Israeil, a chaitheamh as—Nach ioghnadh gu bheil e deònach air dearbhadh a thoirt seachad air cia cho cumhachdach, ’us treun ’sa tha e fèin, ’us cia cho lag, faoin, bochd ’us diblidh ’s a tha Baal sin air amabhail an sluagh a’ stéidheachadh an aignea[?]s ann da-rireadh do bhrigh nach eil t[?]d aige ann am bàs an ti ’bhàsaicheas, a [?] aig an am so ’buintinn co foighidinne[?] agus co fàbharach ris an t-sluagh amaidean a chaidh co fada air seacharan. Dileas do ’n dreuchd ’s do ’n obair a bhuineadh dha, agus cruadalach, gaisgeil ann an spìonnadh treun a mhaighstir, tha Eliah a’ teachd a dh-ionnsuidh an t-sluaigh, agus ag radh, “Cia fhad a bhitheas sibh ’s an iom-chomhairle eadar dha bharail? Ma ’s e an Tighearna a’s Dia ann leanaibh E: ach ma’s e Baal, leanaibh esan.” Is sòluimte ’s is neo-sgathach an t-iarrtuis so. Tha ’n sluagh air an cronachadh gu géir airson an dòigh chearr, mhaslaich anns am bheil iad a nis. Tha iad sàmhach, oir tha cumhachd anabarrach ann am briathran an fhàidh, a tha ’giulan geillt a dh-ionnsuidh an cridheachan. Tha e diombach, oir tha iad aig an am iarrtuiseach air toil an Tighearna ’dheanamh, agus aig àm eile tha iad a’ sleuchdadh gu nàrach aig altair Bhaail. Tha e feargach, do bhrigh gu bheil smuaintean an t-sluaigh air fàs co suarach, agus co mi-cheart, ’s gu bheil iad a’ creidsinn gu faodar seirbhis ghlan ’us fhior an Tighearna ’bhi air a coimeasgadh le aoradh Bhaail. Gun amharus b’ iosal ’s bu mhuladach an inbhe gus ’n do thuit sliochd nan daoine a chunnaic ann an làithean an t-salmadair, aoibhneas us aiteas mor na duthcha, am feadh a bha ‘n Tighearna a mhàin air a chliùthachadh ’s air a mholadh. CONA. Ann an Sasunn ri linn a cheud righ Uilleam (am Buadhaire,) bha e moran na bu chunnartaiche maigheach a mharbhadh na duine. Gheobhadh mortair as le càin a phàigheadh ach fear a mharbhadh maigheach, chuirte gu bàs e. Am fear a bhios mosach mu’n bhiadh, bidh e fialaidh mu ’n rathad mhòr. Am fear a theid do’n mhuillean, bidh sadach na mine air. [TD 2] [Vol. 5. No. 1. p. 2] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, IULAIDH 4, 1896. Cha’n eil an àireamh so dhe’n MHAC-TALLA ach a leth cho mor ’sa bha romhainn a dheanamh, ach cha’n eil comas againn air. Bha nithean a dhith orinn air son a mheudachadh, agus chuir sinn ’g an iarraidh, mar a shaoil sinn, ann an deagh àm; ach gus a so cha d’ thainig iad, ged a fhuair sinn fios gu robh iad air an rathad o chionn treis a dh’ ùine. B’ fheudar dhuinn uinne sin leth paipear a chur a mach air an t-seachdain so, agus tha sinn ag earbsa gu’n gabh an luchd-gabhail ar leisgeul g[?] faigh sinn na nithean a chuireas ’nar [?]as a chur a mach ’sa mheud cheart. Dh[?]damaid a chur a mach anns an t-seann [?]n, ach o’n is i so a cheud àireamh ’sa bhliadhna, smaoinich sinn gu’m b’ fhearr dhuinn a chur a mach ’sa chruth ùir, ged bhiodh e na bu lugha, oir tha moran de’n luchd-gabhail ’ga ghleidheadh ’s a’ deanamh leabhair dheth aig ceann na bliadhna. Tha sinn duilich a chluinntinn gu’n do chaochail an t-Urr. Niall Mac Gill-fhinnein ann am Boston Di-màirt s’a chaidh. Cha robh ann ach duin’ òg, agus cha’n eil ach mu bhliadhna o’n chaidh e Bhoston ’s a bha e air a phòsadh ri té a dh’ eaglaisean a’ bhaile. Bha e ann an droch shlàinte o chionn treis a dh’ ùine, ach cha robh dùil ri bhàs cho fior luath. Thainig a chorp dhachaidh feasgar Di-iordaoin gu bhi air a thiodhlacadh aig an Amhuinn Mheadhonaich, far an d’ fhuair e ’bhreith us ’àrach, agus far a bheil a chairdean a’ fuireach. Tha bràthair eile dha ’na mhinisteir ann an Dalhousie Mills, an Ontario. Tha fios a thainig a Iapan o chionn latha no dha ag innse gu robh call eagalach air a dheanamh le crith-thalmhainn ’s le sruth-mara air eilean Kinkawa Zan, air a choigeamh latha deug dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Chaidh mu mhile tigh a’ sguabadh air falbh leis an t-sruth, agus chaidh air a chuid a’s lugha, coig mile duine a dhith, eadar na chaidh a mharbhadh ’s na chaidh a bhàthadh. Agus tha ’m fiios a thainig ag radh nach eil a chuid a ’s miosa air innse fhathast, oir tha cearnan dhe’n eilean as nach d’ fhuaireadh sgeul idir. Tha e coltach gu bheil a’ bhliadhna so gu bhi imrarteach air son call beatha. Tha H. D. Mac Ille-mhaoil, aig a bheil sanas an àit eile ’sa phaipear, a’ dol troimh ’n Eilean Mhor, Mira, ’s Grand River, air a’ mhios so. Iadsan aig a bheil clòmh cumadh iad i gus an ruig e. Tha fear-deasachaidh ann an cearna de Ruisia an diugh aig a bheil cnamhan goirt air tàilleabh beagan fhacal firinn innse mu ghiùlan prionnsa a tha ’fuireach ’san aon bhaile ris. An latha ’n deigh dh’ an phaipear anns an robh na afcail sin tigh’n a mach, thainig am prionnsa dh’ an oifis, ’s ghabh e air an fhear-dheasachaidh cho dona ’s gu ’m o’ fheudar dha ’n leabaidh a thoirt air, ’s cha do thog lagh no ceartas lamh an aghaidh a phrionnsa. Cho dona ’s gu bheil cor luchd-deasachaidh nam paipearan anns an dùthaich so, cha d’ thainig iad dh’ ionnsuidh na h-ire ud fhathast. Alasdair an Ridse. A MHIC-TALLA nan creag A bhios a freagairt bron binn:—Gheibh thu coig tasdain ann am broinn na litreach so chum ’s gu ’m bi thu tighinn g’am shealltuinn fad bliadhn’ eile. Ach càite bheil Laoidh Dhomhnuill Bhàin a Bhochdain a chuir mi ugad? An tig i beò no marbh? ALASDAIR AN RIDSE. Braigh Amhuinn a Deas Antigonish, N.S., 1d. la de Iulaidh, 1896. [Gu ma slàn do Alasdair an Ridse! Cha leig e an aon latha seachad, ach aig toiseach gach bliadhna cuiridh e an dolair air adhart gus am MAC-TALLA phàigheadh. Cha’n iarramaid fear-gabhail la b’ fhearr. A thaobh Laoidh Dhomhnuill Bhàin, tha i againn, agus gheibhear àite dhi ’sa phaipear an ùine gun bhi fada.] X. Y. Z, A CHARAID,—Gheibh sibh dà dholar agus 52 sent anns an [?]ir so, air son bliadhna eile da ’n MHAC-TALLA aon àireamh dhomh féin agus aon e [?]a’m charaid. Gheibh sibh ainm aig b[?] litreach. Tha e toirt toireachaidh dhomh a bhi cluinntinn gu’m bheil sibh a’ dol a mheudachadh ur paipear gasda, agus tha dòchas agam gu’n dean càirdean na Gàilig an dleasandas lecòmhdach maith a chumail air. Ma chumas iad a mheirg bhar am peanntan cha chùram gu ’m bi dìth air, ach mur a cùm, ciamar a dh’ aithriseas esan an ni nach cluinn e? Leis gach deadh dhùrachd, is mi ur caraid dileas. X. Y. Z. Amhuinn Dennis, C. B., 1, 7, ’96. Sean Fhacail. Am fear a’s luaithe lamh, is leis an gathar ban ’s am fiadh. Am fear nach seall roimhe, seallaidh e’ na dheigh. Am fear a shiubhail an cruinne, cha d’ fhuair e neach cho duineil ri mhàthair. Am fear a’s isle bruidhinn, is e a’s fearr a chluinneas. Am fear a’s treise an uachdar, ’s am fear a’s luaithe air an toiseach. Am fear a’s fhaide ’chaidh riamh o ’n taigh, bha cho fada aige ri tighinn dhachaidh. Am fear a shineas a làmh, sinidh e a chas. Am fear a tha deas gu gealladh, is tric leis a bhith deas gu mealladh. Am fear a’s tiuighe claigionn, is e a’s lugha eanachainn. Am fear a tha ’call an còmhnuidh, bristigh e. Am fear a th’ ann ’s an fhéithe, is duilich dha tighinn aisde. Am fear a theid a dh’ aindeoin do ’n allt, bristidh e na cuinneagan. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. Siosal & Crowe. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. [TD 3] [Vol. 5. No. 1. p. 3] NAIDHEACHDAN Ma bhios Ban-righ Victoria beo mu thri miosan eile, bidh i air a’ chathair-rioghail na’s fhaide na bha righ no ban-righ ann am Breatunn riamh roimhe. Chaidh teine chur ri dha dhe na seaann taighean a th air Rudha nam Barracks oidhche sheachdain gus an Dior-daoin s’a chaidh. Tha dithis ghillean air an cur an sas air a shon. Chaidh fiach choig muileanan deuga dolair de chàise a chur a mull a Bhreatunn á Canada air a bhliadhna s’a chaidh. Cha do cheannaich Breatunn de chàise o dhùthchannan eile air fad ach fiach deich muillein dolair. Tha Canada mar sin a’ faotainn an urraim air son a cuid càise. Tha paipear á Truro ag innse gu’n do thachair ni iongantach beagan mhiltean o’n bhaìle sin, air an t-seachdain s’a chaidh. Bha duine do’n ainm Bilbee dall o chionn deich bliadhna, agus an diugh tha ’fhradharc aige Bha e ’na shuidhe ’san t-seòmar agus thainig seòrsa de laigse air; shaoil leotha-san a bha stigh gu robh e ’caochladh, ach an ceann beagan mhionaidean thainig e uige, thòisich e air sealltuinn mu’n cuairt, agus dh’ innis e dhaibh gu robh e ’g am faicinn. Tha fear Alasdair Mac Gillebhràth a mhuinntir South Bar air son réis a ruith eadar Sidni Tuath us Boston, ann am bàta-siùil, coig troidhean deug a dh’ fhad. Tha e toileach tri fichead dolair a chur an geall air son na réise. Thug e an tairgse cheudna seachad an uiridh air son reis eadar so us Cuibeic, ach cha fhuair e duine rachadh ris. Tha dòcha aige gu’m faigh e cuid-eigin a theid ’ga fheuchainn air an turus so. Tha sinn a leughadh ann am fear de na paipearan-naigheachd gu bheil Pleasant Bay, faisg air Ceap Nòr, àite anns a’ bheil mu dha fhichead teaghlach a’ comhnuidh, gun rathad-mor g’ a ionnsuidh. Cha’n eil doigh air a ruigheachd air tir ach air ceum a tha thairis air na beanntan, agus e ann an àiteachan eadar aona-ceud-deug us da-cheud-deug os cionn na mara. Saoil nach eil an t-am aca-san a tha ann an ùghdaras ionnsuidh a thoirt air rathad a thoirt do ’n t sluagh so. Cha b’ urrainn side fais na b’ fhearr a bhi ann na th ann air an t-samhradh so. Aon uair ’s gu’n d’ thainig a’ cheud uisge, tha gach ni cho fàbharrach do’n tuathanach ’sa dh’ iarradh e. Tha frasan mor’ uisge a sileadh gach seachdain, agus blàths briagha as a dheigh. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil nithean a cheart cho gealltanach sin ann an Cuibeic ’s an Ontario. Tha sinn an dòchas gu lean an t-side mhath, agus gu’m bi a bhliadhna so ’na bliadhna cho torach ’sa chunnaic an dùthaich o chionn fhada. Bha Padruig Wheeler, a bha air a chur an sàs air àmhrus gu’m b’ e mhort Anna Kempton ’sa gheamhradh s’a chaidh, air fheuchainn aig a Chùirt Mhoir ann an Kentville deireadh na seachdain s’a chaidh agus toiseach na seachdain so. Bha àireamh mhor fhianuisean air an ceasnachadh, agus Dimairt, an deign gach ni a chur air am beulaobh leis na fir-lagha ’s leis a’ bhreitheamh, fhuair an jury ciontach e. Thug am breitheamh an sin a mach a bhinn; tha e ri bhi air a chrochadh air an ochdamh latha de Sheptember. Tha iadsan a tha feuchain ri dreuchd maighstir-sgoile fhaighinn ri bhi air an ceasnachadh air an t-seachdain s’a tighinn. Anns an t-siorrachd so tha da àite-ceasnachaidh gu bhi ann air an turus so,—ann an Sidni Tuath. Roimhe so bha aca uile ri tighinn gu Sidni. Chaochail Sir Leonard Tilley ann an St. John, N. B., a sheachdain gus an Diordaoin s’a chaidh. Bha e tri fichead bliadhna ’sa h-ochd deug a dh’ aois, agus cha robh e tinn ach mu sheachdain mu’n do chaochail e. Bha e ann am Parlamaid New Brunswick ’s am Pàrlamaid Chanada àireamh mhor bhliadhnaichean, agus bha e treis a dh’ ùine ’na Riaghladair air New Brunswick. Bha e ’na dhuine tapaidh agus onarach, agus bha e glé mheasail air feadh na dùthcha air fad. Bha Ruairidh Mac Rath, a loisg air Pringle ’s mharbh e, faisg air a Bhaigh ’n Iar ’s an earrach, air a thoirt gu cùirt an Arichat air an t-seachdain s’a chaidh. Bha dithis fhear-lagha, U. C. Mc Coy, á Halifax, agus G. W. Kyte, á St. Peters, air am fasdadh ’na aghaidh, a agus bha D. A. Hearn, a Sidni, ’g a dhion. An deigh na bha dh’ fhianuisean ann air gach taobh a cheasnachadh, thug an jury am breith nach robh MacRath ciontach, agus chaidh a leigeil m’a sgaoil. Fhuair a Bhan-righ litir o chionn ghorid o chaileig bhig a chaill a doll. Thuit an doll ann an toll oirre, agus bha i ’sa bharail gu’n do thuit i troimh ’n t-saoghal. Ach chual’ i cuid-eigin ag radh gu’m buineadh t[?]bh eile ’n t-saoghail dha’n bhan[?] i an dòchas gu’n toireadh [?] h-oifigich an doll a chu[?] suidh ’nuair a gheobht’ [?] a’ chùis a rannasachadh [?] rireadh a bha ’chaileag, agus ’nuair fhua[?] mach gu’m b’ ann, chuir i doll ùr g’ a [?] ionnsuidh. Tha teinntean a’ deanamh call mor ann an Newfoundland. Ann an aon àite ris an canar Botwoodsville, bha fichead teaghlach air am fàgail gun dachaidh deireadh na seachdain s’a chaidh, agus ann an àit eile, Eilean Bhillian, chaidh bade beag cha mhor a sguabadh air falbh gu h-iomlan, agus b’ fheudar do na mnathan ’s do ’n chloinn na bàtaichean a thoirt orra am feadh ’sa bha na fir a feuchainn ri casg a chur air an teine. Am measg thaighean eile, chaidh Tigh na Cùrtach agus da Eaglais a losgadh. Tha Riaghladh na dùthcha a’ deanamh cuideachaidh leotha-san a chaill an cuid leis an teine. Chaidh achd a dheanamh ann am pàrlamaid (Congress) nan Staitean o chionn ghoirid a thaobh luchd-imrich a bhios ’s tigh’n a dùthchannan eile. Ma thig an t-achd so gu bhi ’na lagh, cha ’n fhaod firionnach a tha eadar sia bliadhn’ deug us tri fichead bliadhna dh’ aois tigh’n do’n dùthaich mur teid aige air Beurla no cainnt air choireigin eile a leughadh ’sa sgriobhadh. Ach duine aig a’ bheil teaghlach is urrainn tigh’n dh’ an dùthaich fo’n lagh so, faodaidh e tighinn còmhla riutha, eadhon ged nach rachadh aige air aon chuid leughadh no sgriobhadh a dheanamh. Faodaidh na boirionnaich tigh’n dh’an dùthaich ged nach biodh foghlum sam bith aca. Tha moran de na paipearan-naigheachd a cur an aghaidh an achd so gu làidir, agus ag radh nach bu chòir a leigeil gu bhi ’na lagh. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 4] [Vol. 5. No. 1. p. 4] SILIS NIC-COINNICH. SEAN SGEUL GHAIDHEALACH. (Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.) I. O linn cogadh Mhontrose dh’ eirich cinn-fheadhna agus ceannas-cinnidh na Gaidhealtachd gu ire ni’ b’ airde ann am meas, agus ann an luach na ’bhuineadh dhoibh riamh roimh an am ud. Bha cumhachd agus treubhantas nam fineachan air an cur gu dearbhadh anns a’ chogadh ud, agus mar sin, bha uachdaran air a mheas a reir lionmhorach a chuid iochdaran, a bha ’g a aideachadh mar an ceann-fine, agus a dh’ eireadh air ’iarrtas gu cogadh ann an aobhar sam bith a roghnaicheadh esan air an son. Mar sin bha fabhar agus deagh-ghean chumhachdan na rioghachd do gach uachdaran, a reir aireamh a luchd-leanmhuinn. B’ ann ’s an am ud a thachair an gnothuch eagalach is bun do m’ sgeul, ann an daimh ri aon de theaghlaichean urramach na Gaidhealtachd, ach a thuit gu mor o chionn ioma bliadhna, o’n inbhe aird anns au robh iad aon uair, agus uine sin, air sgath na tha de ’n gineil fhathast beo anns an taobh tuath is eiginn domh ann an tomhas, an ainmeannan agus an aiteachan-comhnuidh ’atharrachadh. Tha Caisteal-Gharnaid, aite-comhnuidh a’ chinn-fheadhna chumhachdaich air am bheil mi gu bhi ’deanamh iomraidh, ’n a sheasamh air inbhir fhiadhaich far am bheil dithis de aibhnichean ainm[?]altachd a coinneachadh a che[?] righ gu cas air a culthaobh[?]-iar. Tha ’aghaidh a seall[?] ard-an-ear, o chionn na h-aibhne [?] giulan uisgeach an fallain, fionnar na[?]lt agus nam fuaran gu cladach aon de na[?]aoil-mhara sheimh neo-bhruailleineach sin anns an tric am faigh ànrach a’ chuain acarsaid thearuinte. Bha aillidheachd agus duaichnidheachd mheasgaichte nan cluaintean agus nam bruthaichean creagach mu’n cuairt a’ chaisteil, ’n an samhladh riochdail air an linn stoirmeil anns an do thogadh e. Aig iochdar na faiche mu choinneamh dorus-beoil a’ chaisteil, bha drochaid-mhaide thairis air da stalla a bha mu fhichead aitheamh air airde agus eatorra bha eas cumhann, scorrach troimh an robh uisgeachan na h-aibhne air an grad thionndadh gu leum-uisge cho ail lidh agus cho fiadhaich ’s a chithear air fad ’s air farsuingeachd nan garbh-chrioch, tuath no ’n-iar. Bha an drochaid air a deanamh de shailthean daraich, agus ged a bha i glé ainleathan, lom, gun taobhan no casan air taobh seach taobh dhi, cha robh rathad eile a dh-ionnsaidh a’ chaisteil ach i, do mharcaichean no do choisichean. Fo riaghladh buaireasach ain.tighearnail nan righrean Stiubhardach, chaill Caisteal Gharnaid tomhas nach bu bheag de ’n ghloir, de’n chumhachd, agus de’n mhoralachd air son an robh e aithnichte agus iomraiteach roimhe an am ud. B’ i crioch shonruichte ealain-riaghlaidh nan Stiubhardach a bhi ’bristeadh cumhachd agus ughdaras nam fineachan, nan ard-uaislean, nan ceann-feadhna agus nan ridirean le bhi ’g am brosnachadh gu falachd agus naimhdeas an aghaidh a cheile, leis an robh iad ann an comhas mor air an lagachadh agus air an isleachadh ’n am measg fein. Chlaon agus chrion tiodal ainmeil aosda teaghlach Chaisteil Gharnaid, ach bha fathast fuigheal de am moralachd a lathair ann am pearsa a’ chinn-fheadhna a bha beo aig an am so ach fo thiodal ur, eadhain, Morair Eidirdeil. B’ esan ’n a aonar an t-aon mheanglan a bha lathair de theaghlach ainmeil a shinnsearachd; mar sin bha mor-chumhachd ’n a sheilbh, oir bha e ’n a cheann air fine a bha fhathast ro lionmhor, uaibhreach borb, ainmeineach. Ach na’m basaicheadh e gun sliochd, thuiteadh an oighreachd agus an ceannas-cinnidh, a reir colais, air neach a bha, thar gach duine, ’na chuspair fuath dha fein agus d’a iochdarain; duine leis an robh e air a chreachadh ann an tomhas mor de’n onair agus de’n t-saoibhreas air an robh e aon uair ann an seilbh; agus duine, ged a bha e ann an dluth dhaimh dha, a bha aig an dearbh am ud, a’ cleachdadh gach innleachd a bha na chomas gu a thilgeadh a mach as aite, agus gu ’thoirt gu bochdainn. Anns an t-suidheachadh dheuchainneach ud phos Eidirdeil air comhairle maithean a luchd-leanmhuinn, Silis, aileagan Chlann-Choinnich. Bha iad le cheile ro og; bha ise aillidh, caoimhneil, deagh-bheusach agus solubadh; b’i annsachd a companaich i, anns an t-seadh a b’ airde, agus cuspair uigh agus deagh-ghean an iomlain de a luchd leanmhuinn. Ach mo chreach! chaidh bliadhna an deigh bliadhna thairis, gun a chàraid og ud a bhi air am beannachadh leis an toradh sin a bha ion-mhiannaichte as ceann gach beannachd eile—eadhoin, oighre òg air son oighreachd Ghlinne-Garraidh agus air son Moraireachd Eidirdeil. Ciod a ghabhadh deanamh? Bha an fhine gu h-iomlan, fo bhuaireas agus ann an imcheist; bha coinneamh an deigh coinneimh aig maithean a’ chinnidh mu’n chuis, agus b’e an codhunadh aon-sgeulach gus an d’ thainig iad aig a’ chean [?] dheireadh, gur h-e a b’ fhearr gu [?]oin deichnear de na [?]isle a bha beo de’n [?]adh an t-iomlan de’n [?] onair a bhuineadh [?] Nagarr, a bha ’n a [?] pair fuach agus diomb dhaibh uile. [?] thuaiream seachd bliadhna an deigh [?] Shilis tighinn gu bhi ’n a mnaoi, ach cho neo-choltach ri tighinn gu bhi ’n a mnaoi, ach cho neo-choltach ri tighinn gu bhi ’n a mathair ’s a bha i riamh, thainig buidheann de mhaithean a chinnidh air teachdaireachd gu Morair Eidirdeil le seann laoch calma, Tighearna Charnaich air an ceann, am fear a b’ thaisge ann an inbhe agus ann an cumhachd do’n cheann-fheadhna e fhein. Dh’ innis iad dha gu’n d’ thainig iad a nis gu codhunadh suidhichte gu’m feumadh e gun tuilleadh dail no seamsain dealachadh ris a’ bhain-tighearna, beo no marbh mar bu roghnaiche leis. Bhrist e mach ann am feirg, agus, ars’ esan, “Na biodh a dhanachd aig an fhear is fearr ’n ur measg leithid ainmeachadh gu brath an deigh so.” Gun eagal, gun athadh, fhreagair seann laoch Charnaich, “Ciod is fiach thusa as ar n-aogaisne? Runaich sinn uile gur fearr gu ’m basaicheadh, cha ’n i a mhain, ban-mhorair Eidirdeil, ach gach baintighearna eile a tha beo d’ ar fine, na gu’n tigeadh an fhine gu bhi ’n an traillean fo an-riaghladh agus fo chumhachd Nagairr.” Chunnaic am Morair nach robh dol a null no nall dha ach striochdadh dhoibh. Thuirt e gu ’m bu chàs cruaidh e gun teagamh sam bith, ach ma runaich Ard-riaghlair na cruitheachd gu ’m b’ esan an t-oighre deireannach de ’n stoc aosda, fhiughail o’n do ghineadh e, a sheilbhicheach oighreachd agus onair a shinnsear, nach gabhadh an t-ordugh atharrachadh; agus na’n tugadh iadsan gu buil an gniomh uamhasach a runaich iad gu ’m faodadh iad a bhi cinnteach gu’n tugadh iad mattachd an Uile-chumhachdaich a nuas orra fhein agus air an fhine gu leir. Chuir e ’n an cuimhne nach robh e fein agus a’ bhaintighearna ach fathast ro og, nach d’ thainig iad eadhoin gu an làn fhas no gu treine an neart, agus mar sin nach robh e idir mi-choltach gu ’m faodadh ise bhi fathast ’n a mathair teaghlaich lionmhoir; ach coma co dhiu, gu’m b’ ise thar na h-uile cuspair eile anns an t-saoghal, ailleagan agus annsachd a chridhe, agus gu ’m bu luaithe a dhealaicheadh e ris gach ni a bhuinneadh dha, eadhoin ri ’oighreachd agus ri ’chinneach na rithese. Chrath Carnach a cheann liath, agus le gruaim bhagaraich air a ghnuis, thuirt e ri Eidirdeil gu’n robh a chainnt ro amaideach, agus ’n a freagradh cruaidh-chridheach do iarrtas an fhine d’ am bu cheann-feadhna e, agus nach b’ e a chomain e. “Aidichidh sinn” arsa Carnach “gu’m bheil a ’bhaintighearna fathast ann an ceitein a h-oige, agus air sgath a h-aige, ged tha ar faighidinn air a cur thuige gu ro mhor, bheir sinn fathast dail thri bliadhna dhi, agus aig ceann na h-uine sin, ma bhios i gun sliochd, gabh m’ fhocalsa air gu’m feum thu a cur uait le dealachadh, laghail, no ma dh’ fhaoidte air dhoigh is miosa, agus bean eile a phosadh; agus sin air sgath nam miltean a tha an crochadh riut mar an athair, an cultaice agus an dochas saoghalta; oir ma thig gu brath an latha sin anns am bi Gleann Garnaid gun oighre dligheach, bithidh laithean Chlann-Choinnich mar chinneadh, air an aireamh am measg nan nithibh a chaidh seachad. Smuainich Morair Eidirdeil ’n a inntinn fein gur h-ioma car a dh’ fhaodadh tighinn air an t-saoghal an taobh a stigh de thri bliadhna, agus an dochas ri maitheas an Fhreasdail, dh’ aontaich e ris na cumhachan a chuir Carnach agus na maithean eile ri ’uchd, ni a thug faothachtdh agus fuasgladh dha aig an am ud, agus mar sin dhealaich e fein agus a chairdean, saodmhor, toilichte, taobh air thaobh. Thainig na tri bliadhna gu crich—an deicheamh o ’n a phosadh iad, ach mo thruaighe! bha Morair Eidirdeil agus a cheile uasal fhathast gun oighre, gun bhanoighre, agus gun chosla caochlaidh. Bha Silis cho cuirteil, cho aillidh cho fiathail, cho sunndach agus cho iullagach ’s a bha i riamh, gun smuain, gun umhail, gun amharus mu na comhairlean dorcha, droch-mheineach a bha air an deilbh d’ a taobh. Ach mo chreach! bha a binn air a seulachadh leas an iomlan den fhine, firionn agus boirionn, ard agus iosal, oir bha an aimheal agus am mi-fhaighidinn air tighinn gu ire bhuaireasaich do-chiosaichte, agus bha gach teanga ’g a casaid gu bàs. Runaich aireamh de sheann mhnathan-uaisle cur as dhi le puinnsean; chaidh te dhiu air aoidheachd do’n Chaisteal le punnsean millteach air h-giulan, a’ runachadh cothrom a ghabhail air a fhrithealadh air dhoigh eigin, ach cha bu luaithe chunnaic i aghaidh aoibheil, neo-chiontach na banmhoraire, na bhuail a coguis oirre, agus thilg i am puinnsean anns an teine. An deigh sin dh’fheuch iad druidheachd, ach dh’ fhailnich an geasan cho math ris gach oidhirp eile; agus cha robh a nis leigheas air a’ chuis ach gu’n cuirte teachdaireachd a dh-ionnsaidh a’ Mhoraire, agus air an dearbh latha air an d’ thainig na tri bliadhna gu crich, rainig na maithean ceudna Caisteal Gharnaid, le seann Tighearna Charnaich aon uair eile air an ceann. (Ri leantuinn.) Am fear a gheibh bean, gheibh e dragh. Am fear a ghleidheas an long ’s na lamhan gheibh e an adhais uair eigin. [TD 5] [Vol. 5. No. 2. p. 5] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 11, 1896. No. 2. A’ GHAIDHEALTACHD. Roimhe so bha luchd-aiteachaidh na Gaidhealtachd mar luchd-turuis sgith gun chala sabhailt gu ruithe ’g a innnsuidh ann an am am feum. * A nis, tha iad cosmhuil ris an fhear a bha ’s an sgeulachd. Chunnaic iad solas fada uatha, ’s ’g e b’ fhada uatha, cha b’ fhada ’g a ruighinn- Bhuail iad bas ri crann dorus mor na Parlamaid, agus bha iad air an gabhail a steach gu aoidheachd. Chuireadh uisge bog air an lamhan, agus uisge bog air an casan, agus plaideachan mine caola geala gu cadal annta. Cha ’n e mhain gu bheil a mal air isleachadh, ach tha bata na smuide a’ taghal aig gach port—tha sitrich an eich-iarruinn a’ dusgadh Mac Talla an iomadh gleann agus srath, far nach cluinneadh tu roimhe ach langanaich an fheidh no ceileireadh nan eun, agus faodaidh tu fios-dealain a chur gu d’ charaid, agus gu d’ namhaid cuideachd, na ceudan mile air asdar cha mhor ann am prioba nan sul. Agus tha cinnt againn nach ’eil na nithean a rinneadh mar tha, ach nan earlas air na nithean a bhios fhathast air an deanamh air son luchd-aitheachaidh na Gaidhealtachd. Ma tha cunnart idir ann ’s e gu’m bi tuilleadh ’s a choir air a dheanamh air ar son. ’S e so an cunnart anns am bheil araon Goill is Gaidheil air an latha ’n diugh. Tha Pharlamaid ’g an altrum, ’g an arach, agus a’ gabhail a leithid de churam dhiubh. Tha i cur an cloinne do ’n sgoil—a’ paigheadh air son an teagaisg agus a’ deanamh iomadh ni eile air an son a b’abhaist doibh a dheanamh air an son fhein. A theagamh gu’m bu choir feadhainn bhi ann a chum daoine dhion bho ’n aimideachd fein. Ach bu choir dhuinn fhaighneachd, Ciod e dh’ fhag luchd-aiteachaidh nan eileinean so iomraiteach mar dhaoine gaisgeil treun os cionn gach cinnich eile? Tha da aobhar air a shon. Anns a’ cheud aite tha spiorad anns an t-sluagh fein a bhuannaich coir dhoibh a chum ’s gu bheil urram air a thoirt do bhrataich agus suaicheantas Bhreatuinn anns gach cearn de ’n t-saoghal mhor. ’S ann air an aobhar so a tha Bhan-righ a riaghladh thairis air righeachd air nach ’eil feasgar a’ ciaradh no grian a’ dol fodha. Ach tha aobhar eile mar an ceudna air son cruadal agus treubhantas muinntir na righeachd so, agus gu h-araidh luchd-aitheachaidh na h-Albain, agus ’s e sin gu’ n robh aca ri bhatal a chur, nach robh a h-uile ni air a dheanamh soirbh dhoibh. Ann an righeachdan eile mar tha an Spainn agus an Eadailt tha na speuran ni ’s soilleire, agus na siantan ni ’s caoimhneile, agus an talamh ni ’s sultmhoire, agus tha h-uile ni cho reidh ’s gu bheil daoine ullamh air fas somalt’ agus leasg. Ann am Breatunn agus gu h-araidh an Albainn bha daoine bho chionn fada strith an aghaidh stoirm agus uisge, siantan caochlaideach, agus fonn neo-thorrach. Agus bha an cruadal roimh ’n deach’ iad a’ tarruing a mach an duinealachd, agus an treubhantas a bha annta. Cha ’n iad na luibhean a dh’ fhasas fo ghloine far nach ruig oiteag de ’n ghaoith ne pleoiteag de ’n t-sneachd iad is mo thig gu ìre agus neart, agus is treise ghlacas greim le ’n friamhaichean air an fhonn, ach an fheadhain a dh’ fhasas am measg reothaidh agus sneachd. Agus b’ e so reusan cudthromach gu ’n d’ thainig ar luchd-duthcha—iomadh aon duibh gu ire agus gu neart, gu ’m b’ eiginn doibh a h-uile ni a thoirt a mach le an luath ’s, agus an cruas agus an laidireachd fein. Agus air an laimh eile tha cunnart ma bhith’s nithean air an deanamh tuilleadh a’s soirbh, ma bhios a h-uile slighe air a deanamh tuilleadh a’s soirbh, ma bhios a h-uile slighe air a deanamh direach, ’s a h-uile sliabh ard air isleachadh, ’s a h-uile garbhlach air a dheanamh reidh, gu ’n caill sliochd nan sonn tomhas de ’n ghaisgealachd bu dual doibh. Agus feadh ’s a tha dochas againn gu faigh ar luchd-duthcha ceartas agus lan-ceartas, cha bu mhaith leinn gu faigheadh iad oirleach a bharrachd, cha bu mheith leinn gu ’m biodh iad ann an seadh ’sam bith air an deanamh ’nan dilleachdadeirce. Ciod air bith a thachras tha mi ’n dochas nach fas an Gaidheal meata no lapach, agus nach fannaich e anns an reis. Tha ainm sgriobhta le urram ann an eachdraidh na righeachd mar neach a sheas ann an uchd an teine gu bhi dion coraichean agus dachaighean duthaich a bhreith. Cha ’n ’eil fhios agam am bi an ginealach a tha beo an diugh air an gairm gu leithid so de strith. Ach tha iad air an gairm gu iad fein a dhearbhadh ann am batal na beatha so—am batal is coir do gach neach, a bhi cur ann an aghaidh gach gne uilc agus mi—run, agus ’s e mo dochas agus mo mhiann, gu ’n teid iad air aghaidh anns an strith so leis a’ mhisneachd, agus leis a’ chruadal a bhuinneadh do ’n ghineal bho ’n d’ thainig iad. GILLEASBUIG DOMHNULLACH, AIG COMUNN GAILIG; INBHIMIS, 1892. IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN. DON MHAC-TALLA: Fhir mo chridhe,—Tha beagan uine bho nach cuala tu focal a’ Strathalba; cha’n ann a chionn gu bheil sinn ’s an aite so a call ar suim de ’n MHAC TALLA, ach ’s dòcha, a chionn gu bheil sinn de ’n bheachd gu bheil muintir eile comasach air nithean is taitniche a sgriobhadh ad’ ionnsaidh. Faodaidh sin a bhi ceart gu leor agus gidhaadh e bhi na dhleasannas oirnne na o urrainn s’ uinn fein a dheanamh air son aobhar cho math agus iomchuidh ri cumail suas ar cainnt mhathrail. Tha run orm, ma ta, gearr iomradh a thoirt dhiut air mo thurus do Cheap Breatuinn air a bhliadhna so. Tha ’s bithidh taobh agamsa ri Ceap Breatuinn. Tha a bhuil, nuair gheibh mi seachduinn no dha dhoth fhein chi thu null mi cho luath ’s a ghiulaineas toit mi thàiris air an uisge. Dh’ fhag mi ’m bliadhna baile Charlotte air maduinn de ’Mairt an 9mh lathe de ’n og mhios agus an deigh sholadh choig uairean rainig sinn baile Phictu ann an Nuadh Albinn. B’e sin am baile boidheach le acairseid sheasgair fharsaing aig a bhonn. Tha mu thri mile sluaigh anns a bhaile, lionmhorachd dhiu aig a bheil làn an cinn de Ghailig. ’S e so ceanne-bhaile siorrachd Phictu a bha uile gu leir, ach beag, air a h-aiteachadh le Gaidheil. Thainig an long “Hector” anns a bhliadhna 1773 gu Pictu le luchd-imrich a Loch-Bhraoin agus aitean eile. B’i so a cheud long eilthereach a thainig do na mor-roinnean iochdrach so a Gaidhealtachd Alba. Bho ’n am sin a mach thoisich sluagh na Gaidhealtachd air dortadh a stigh gus an robh an tir uile air a h-aiteachadh. Thainig an duine cliulteach sin Dr. Seumas Mac Griogair a nall don duthaich so anns a bhliadhna 1784 agus shearmonaich e ’n soisgeul do ’n shluagh anns gach aite mun cuairt, nan cainnt fein, fad da fhicheud bliadhna ’s a coig gu am a’ bhais ann an 1830. Dh’ fhag sinn Pictu ’s ghabh sinn air aghart gu Antigonish. ’S e so ceanna-bhaile siorrachd Antigonish. Tha ’m baile suidhichte am meadhon comhnaird, agus air a chuaatachadh le machraichean torach. Tha farsuingeachd mhor duthcha mu ’n cuairt da. Tha e luma làn Ghaidheal. Anns a bhleadhna 1791 thainig da long lan de mhuinntir Mhuideart, Arasaig ’us aitean eile. Thog a chuid bu lionmhoire dhiu fearan an Antigonish, agus chaidh cuid dhiu gu do Cheap Breatuinn. Thainig, mar an ceudna, aireamh de luingish, làn sluaigh, ann an 1801 agus ann an 1803. Thuinich a chuid mhor dhiu an Antigonish. Bha moran den t-sluagh ud a Strath-Ghlas. ’S ann mu ’n am ud a chaidh an tuath a thogail a duthaich an Shiosalaich, Strath Ghlas. Tha sliochd nan sonn ud an Antigonish gus an latha an duigh. Tha iad a cumail suas na Gaidlig gu gasta agus tha MAC-TALLA air a leughadh le iomadh aon dhiu. C.C. (Ri leantuinn.) Sean Fhacail. Am fear a thig air na ’s léir dha, thig air na ’s nàr dha. Am fear aig am bheil, is e a gheihh. Am fear aig am bi an sac làn, is math leis nàm air a mhuin. Am fear air am bi fearg a ghnath, is cosmhail a ghnè ris an dris. Am fear nach d’ fhuair a lot le beachan, fhuair e a lot le seangain. Am fear nach ’eil cleachdte ri clainheamh, fàgaidh e air an tom e. Am fear nach fritheil do chlag a’ chàil, fritheilidh e do ’n ath thràth. Am fear nach gléidh an sgillinn, cha bhi an gini aige. [TD 6] [Vol. 5. No. 1. p. 2] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, IULAIDH 11, 1896. Tha luchd-àiteachaidh Chrete a’ cur rompa an saorsa chosnadh o na Turcaich. Tha iad an dràsda ’n deigh Riaghladh a chur suas dhaibh féin; gun teagamh feumaidh an Riaghladh sin buaidh a thoirt air armailtean na Tuirce no cha seas e, ach tha dochas làidir aig na Creitich gun toir iad buaidh. An deigh dhaibh an saorsa fhaotainn, ma gheobh iad i, tha iad air son a dhol a stigh ris a’ Ghreig, oir is ann dhe ’n aon chinneach agus dhe’n aon chreidimh ris na Grèigich a tha iad, agus tha a’ Ghréig toileach gu leòr an gabhail a stigh. Tha a’ cheannairc ann an Crete a’ cur iomguin nach beag air luchd-riaghlaidh rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa, oir ma thòisicheas cogadh eadar na rioghachdan beaga ’s cinnteach gu’m bi na rioghachdan mora air an tarruinn ann mu’n tig crioch air. Cha bu mhath le daoine cogadh thòiseachadh, ach bu mhath leotha na Creitich agus gach sluagh bochd eile ’tha ’fulang le ainneart nan Turcach a bhi air an saoradh o’n chuing thràilleil a tha iad a’ cumail orra. ’S fheudar dhuinn air an t-seachdain so a rithist am paipear a chur a mach ann am meudachd na’s lugha na bu mhath leinn. Ach air an t-seachdain s’a tighinn thig e mach ’sa mheudachd cheart, agus tha sinn an dòchas gu’n dean ar càirdean anns gach cearna gach cuideachadh is urrainn daibh a thoirt da. AN CRITHNEACHD.—Tha luchd-an-fhoghluim ag radh gu’n do ’thainig an crithneachd air tùs á Armenia. Tha fiar a’ fàs gu màdarra anns an dùthaich sin a tha gle choltach ris. Tha ’n dias dhe’n aon chumadh, agus ged tha ’m fras gle mheanbh, bidh nàisinnich na dùthcha a’ deanamh flùir dheth, agus tha iadsan a dh’ fheuch e ag radh gu bheil a cheart bhlas air an aran a nithean dheth ’sa tha air an aran chrithneachd. Amadan an duine ghlic. Am fear nach toir oidhirp, cha dean e gnìomh. Am Fear Dall. Bha Albannach ann uair, a bha glé dhéigheil air an deòch làidir, agus ’s ann a sior dhol na bu dheigheile oirre ’bha e ’dol. Aon mhaduinn thòisich e air aithris d’a mhnaoir aisling neònach a chunnaic e re na h-oidhche. Chunnaic e radan mor reamhar a’ tigh’n far an robh e, agus dlùth air a shàil da radan cho cruaidh, caol ri crodh chaol’ na h-Eiphit, agus ’nan deigh-san radan dall. Bha an aisling a’ cgr dragh mor ais ’iuntinn; bha eagal air gu robh droch thubaist a’ dol a dh’ éiridh dha. Chual e cuid-eigin ag ràdh gu’m bu droch chomharra radain fhaicinn ann an aisling. Cha b’ urrainn a bhean solus sam bith a chur air a chuis dha, ged a ghearain e rithe uair us uair. Ach air d’a mhac, balach beag a bha gle thùrail de ’bhliadhnaichean, a chluinntinn ag aithris na h-aislinge, ghabh e os laimh a mineachadh, agus so mar a dh’ fhàg e i. “An radan reamhar,” ars esan, “sin agaibh fear an taigh-òsda air am bi sibh a’ dol a choimhead cho tric; an da radan chaol, sin agaibh mi-fhin ’s mo mhàthair; agus ’athair sibh féin an radan dall.” SGEUL AIR TIOMNADH.—Chaochail seann duine ann an cearna de Ghalldachd na h-Alba o chionn ùine gun bhi fada, aig nach robh bean no cairdean air an tigeadh a chuid an t-saoghal. Bha e gu math beairteach, agus o nach robh duine ag agairt còir air a chuid, ghabh an crùn seilbh air. Chaidh na bha dh’ àirneis ’san tigh aige a reic, ach a mhàin beagan leabhraichean a chaidh a thoirt do sheana bhean a bha moran bhliadhnaichean a’ cumail an taighe dha. Am measg nan leabhraichean sin bha Biobull pòca, agus air dhi a bhi sealltuinn troimhe fhuair i duilleag de phaipear sgriobhte air a phasgadh ann, agus ’nuair a leugh i e, ciod a b’ iongantaiche leatha na fhaicinn gu’m b’e tiomnadh a maighstir a bh’ ann, leis an robh e tiemnadh dhi fhéin gach ni a bh’ aige ris an t-saoghal- Feumaidh an crùn a nise còrr us da mhile punnd Sasunnach a phàigheadh air ais dhi, oir tha an tiomnadh cho seasmh ach ’s ged a b’ fhear-lagha sgriobhadh i. Tha còig nithe ann air am feud na h-uile amharc mar chàirdean agus mar chompanaich dìleas trìd turais na beatha so. Is e a cheud nì, eòlas a bhi againn gu bhi a’ cur an aghaidh an uile; an dara nì cleachdanna subhailceach a ghnathachadh; an treas ni, saorta a bhi againh o theagamh; an ceathramh ni fiùghantachd ’n ar caithebeatha; agus an coigeamh ni, deagh-ghiùlan. “Tha ’bhriogais so tuille ’s goirid air mo shonsa,” ars’ fear a fhuair briogais o thàilleir Eirionnach. “Ciod an sgil ath’agadsa air briogais, amandain?” arsa ’n t-Eironnach. “Cha’n eil a bhriogais tuile ’s goirid ann a chuir thusa do spògan grànnda chas tuile ’s fada troimhpe.” Am fear a’s fhaide làmh, is e a’s mò cuid. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P... Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. Siosal & Crowe. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. STOR UR TAILLEARACHD. ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. [TD 7] [Vol. 5. No. 2. p. 3] NAIDHEACHDAN Cha ’n eil teagamh nach bi saothair na ’n tuathanach ann an Ceap Bretuin air a duaisachadh am bliadhna. Tha an aimsir gle fhreagarach. Tha aireamh do thighinn gu bhi air an togail ann a Halifax am bliadhna de marble Cheap Bretuin. Co chuireas suas a cheud tigh ann a Ceap Bretuin de ’n chloich shnasail so? Tha Henry M, Stanley, a tha ainmeil air feadh an t-saoghail air fad air son a thurusan iomraiteach do Africa, gu tinn an dràsda, agus tha eagal mor air a chàirdean nach tig e uaithe. Tha e tinn o chionn dha no tri sheachdainean. Chuir fear Tearlach Ward ann an Texas geall gu ’n silladh an t-uisge mun ruithadh ceithir uairean thar fhichad. ’Nuair a thachair mar a thubhairt e nochd e aoibhneas le mionnan oilteil agus caint thoibheumach; ach mu’n do chriochnich e dhroch caint chaidh a mharbhadh le dealanach. Nach truagh an obair aig an d’fhuair am bas e! Tha Padruig Wheeler, a bha an an t-seachdain s’a chaidh air fhaotainn ciontach de mhort Anna Kempton, an deigh a chiont aideachadh. Tha e coltach gu’n do chum an duine tinagh air, an dochas nach biodh fianuisean gu leòr na ’aghaidh gus a dhiteadh, ach ’nuair thugadh binn a chrochaidh a mach, dh’ aidich e gur e rinn an griromh oillteil. Tha fios a Cuibeic ag innse gu’n d’ fhuair sealgairean cuirp sheachdnar Innseanach, na pàrairtan ’s triùir chloinne, aig Amhuinn Mhoisic, mu dha cheud mile a mach air chùl na dùthcha. Fhuair iad beagan fhacal sgriobhte ann an cainnt nan Innseanach ag innse gu’n d’ fhag iad Moisie ’san fhoghar ’sa chaidh air son a dhol a shealgaireachd a Hudson Bay. An deigh dhaibh astar da cheud mile dheanamh, theirig am biadh dhaibh, agus bhàsaich iad uile leis an acras, aon an deigh aoin. ’S i bhean a b’ fhaide sheas, agus ’si a’ sgriobh na facail a fhuaireas leis na sealgairean. Chaidh fear Edward Barney a ghlacadh ann a Halifax Di-luain s’a chaidh air son a bhi ri slaoightearachd mu airgead ann an cuid de storaichean a’ bhaile. ’S e ’n cleas a bh’ aige bhi dol a stigh agus a ceannach fiach dheich sentichean de rud-eigin. Bheireadh e not dheich dolair dh’ an chléireach air son a chuid fhéin a thoirt as, agus rachadh aige air ceann a chléirich a chur ’na bhreislich an dhòigh ’s gu’n toireadh e barrachd mor s’a chuid fhéin dha. Ach cho tapaidh ’s ga robh e, chaidh fhaotainn a mach, agus ghabh na maoir cùram dheth ’sa mhaduinn Di-luain. Bha faisg air seachd fichead dolair air a shiubhal ’nuair a chaidh a ghlacadh. AN ROTHAIR.—Tha dùil aig luchd-deanamh nan Rothairean (bicycles) anns na Staitean ri muillein dhiubh a chreic air a’ bhliadhna so. Bidh an sin fiach tri fichead us deich muillein dolair ($70,000,000.) Tha an Rothair a fàs anabarach fasanta. Beagan bhliadhnaichean roimhe so, cha robh guth air a leithid a dh’ inneal a bhi fo ’n ghréin, ach an diugh tha na ceudan mile dhiu ann. Tha daoine turail a’ deanamh a mach nach misde ’n saoghail an Rothair a thighinn idir. Tha moran de do’ òrgridh d’ am b’ àbhaist a bhi cur seachad an ùine anns na taighean-cluich, a nise, gach cothrom a gheobh iad, a mach air an dùthaich air a’ “chuidheil,” agus cha’n e fear a chinn aotruim d’ an còir falbh leatha. Tha osdairean nam bailtean mora a’ gearain gu mor air a chall a tha an Rothair a’ cur orra. Tha e cuideachd a’ cur as do smocadh an tombaca. Gu robh buaidh leis an Rothair. Bu Duin Ainmeil e. Tha na daoine dubha anns na Stàitean anabarrach deigheil air a bhi toirt ainmeannan mora fuaimneach orra fhèin agus air an cloinn. Cha chuir e ioghnadh sam bith orrasan a tha eòlach ’nam measg na h-ainmeannan Iulius Caesar, Christopher Columbus, Beuiamin Franklin, agus Deorsa Washington a chluinntinn ’gan éigheach ris na gillean agus ainmean a cheart cho iomraiteach air na h-igheanan. Tha seann duine dubh ann am fear de na bailtean-mora d’ an obair o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean a’ bhi giùlan air falbh le bara-roth gach luath us rud gun fheum eile a bhithear a tilgeadh a mach air chùl nan taighean. Aon latha ’s e aig òbair abhaistich, thainig duine bha ’còmhnuidh ann an aon de na taighean air an robh e mar sin a frithealadh, a mach far an robh e, agus thùisich e air bruidhinn ris. Ann an t-seanachas a bh’aca dh’ fhaighnich e dheth c’ ainm a bh’ air. “Deòrsa Washington,” ars an duine dubh. “Deòrsa Washington,” ars am fear eile, ’s e ’deanamh snodh gàire, “’s i mo bharail gu’n cuala mi an t-ainm sin roimhe.” “Tha mi creidsinn gu’n cuala,” ars an duine dubh, b’ rongantach mur-a cluinneadh, ’s mi tarruinn na luatha o d’ dhorus a h-uile latha o chronn còrr us deich bliadhna!” Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F W MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothaich (agents) aige mar a leanas;—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 8] [Vol. 5. No. 2. p. 4] SILIS NIC-COINNICH. SEAN SGEUL GHAIDHEALACH. (Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.) II. BHA Morair Eidirdeil, a nis air a chur thuige gu goirt. Thug e a ghealladh d’ a fhine, air ’fhocal agus air ’onoir. Choimhlion iadsan am pairt fein de ’n chordadh a rinneadh eatorra, agus mar sin cha b’ urrainn esan air ’onoir claonadh o a phairt fein a choimhlionadh mar an ceudna. Dh’ ullaich e dinneir ghreadhnach, chosdail, a thug barrachd air gach fleadhachas a chunnacas riamh an taobh a stigh de thallachan Chaisteil Gharnaid, agus a dh-ionnsaidh an do chuir e na maithean a chaidh ainmeachadh cheana. Shuidh a’ bhan-mhoraire aig ceann a’ bhuird, le deise shioda de bhreacan Chlann-Choinnich, agus i a’ dearrsadh le usgraichean òir agus le seudan ro luachmhor. Cha ’n fhac iad riamh i a’ sealltuinn cho aillidh, cho aoibheil no cho ionghradhach; agus an uair a dh’ eirich i o ’n bhord agus a dh’ fhag i iad leotha fein, cha robh suil thioram anns an talla; cha b’ urrainn a h-aon dhiubh smid a labhairt ri aon eile; shuidh iad gu tosdach samhach ag amharc ann an aodannaibh a cheile. An uair a chunnaic Eidirdeil an deargadh druighteach a rinn lathaireachd agus giulan caoin, flathail Silis air faireachduinnean nan aoidhean gu leir, ghlac e misneach gu tuilleadh dalach ’asluchadh orra. Chuir e f’ an comhair gu’m b’ fhearr leis gu mor a bheatha fein a chur ’n an cumhachd na dealachadh ritheas a b’ i annsachd a chridhe; gu’n robh a bheatha gu buileach ceangailte suas innte, agus mar sin nach b’ urrainn e air chor sam bith aontachadh ri lamh a chur ’n a beatha; agus a thaobh litir-dhealachaidh a thoirt dhi, no a fogar o’ bhroilleach, ni a bhiodh dh’ ise ni ’bu chruaidhe na am oas fein, nach robh e ’n a chomas a dheanamh air bonn laghail no onorach; gu ’n robh a leithid do bhuaidh aice air a chridhe agus air ’aignidhean is gu ’n robh e lan chinnteach na ’n deanta oiurram no ainneart oirre gu ’n diobradh a chiall agus a thabhachd e, agus nach treoraicheadh e gu brath tuilleadh a chinneadh gu iomairt nan lann ann an aobhar an duthcha; agus labhair e mar an ceudna gu faireachail mu an dian ghradh leis an robh a cridhe uasal neochiontach ceangailte, cha b’ ann a mhain ris fein ach ris an iomlan de ’n fhine. Bha nis gach aon de na h-uaislean a’ caoineadh agus a’ suathadh nan dorn; cha d’ thug iad focal freagairt do ’n Mhoraire; agus aig deireadh na cuirme, thog iad orra; dhealaich iad ri an ceann-feadhna mar a choinnich iad, ann an an-dochas neo-umhaileach, gun chuing no cumha a leagail air, mar a runaich iad m’ an d’ thainig iad a dh-ionnsaidh na cuirme; ach air dhoibh a bhi cheana air an gairm gu eirigh a chogadh ri naimhdean an Righ, thainig iad gu codhunadh gur h-e a bu ghlice dhoibh gach ni a sheachnadh a dh’ fhaodadh troimhe-cheile no easaonachd a dhusgadh am measg an fhine aig an am ud, ach a’ cur rompa an ni a chuir iad ri ’n suil a thoirt gu buil ’n uair a thigeadh am a bu fhreagarraiche. Cha b’ fhada ’n a dheigh so gus an robh Eidirdeil, le buaireas iomaguineach inntinn air a leagadh sios le fiabhrus a chuir a bheatha ann an geur chunnart, agus fo churam d’ a thaobh. Cha robh guth a nis air cur as do ’n bhan-mhoraire, oir na m’ basaicheadh am Moraire, bha fios aca, am fad ’s a bu bheo ise as a dheigh, nach b’ urrainn Nagaar, ged a b’ e a b fhaisge ann an daimh do ’n cheannfheadhna, seilbh a ghlacadh air an oighreachd, no am fine fhaotainn fo smachd agus fo’ughdarras. Bha Eidirdeil uine fhada, an deigh dha dol am feothas o ’n fhiabhras, mu ’n robh e air a lan aiseag gu neart agus deadh shlainte; agus re na h-uine ud, nochd am fine, eadar mhaithean agus iochdarain, a leithid de chaoimhneas agus de dhilseachd dha fein águs d’ a cheile a’s gu ’n robh e nis ann an dochas gu ’n robh a leithid do bhuaidh aig aillidheachd, cliu, agus ard-bheusan Silis air an cridheachan, a’s nach cuireadh iad gu brath tuille dragh no tuairgneadh air as a leth—sliochd a bhi aice no uaipe. Thug an dochas ud a leithid do shonas agus de sholas dha, a’s gu ’n robh e ’n a mheadhon air a shlainte ’aiseag air ais dha, ged nach robh car greis, a bheag a dhuil gu ’n tigeadh e idir uaithe; agus an taobh a stigh de chuig miosan, bha e cho slan fhallain ’s a bha e riamh. Ach thainig gasaidean eagalach o ’n taobh deas, agus bha Eidirdeil a rithis air a ghairm gu màrsadh gun dail air ceann gach mac mathar de ’n fhine d’ am b’ urrainn lann a ghiulan a chuideachadh Mhontrois, air dha bhi ann an cruaidh-chas cunnartach, air a chuairteachadh le naimhdean, roimhe agus ’n a dheigh. Bha Eidirdeil agus a dhaoine cho ullamh as a b’ abhaist; ach cha b’ urrainn e aig an am, airm a sholar ach airson tri cheud fear, coma co dhiu, mhàrs e leis an aireamh ud fo dhubhar na h-oidhche. Air an-tslighe, mu bhristeadh na faire thainig e tarsuing air na Rothaich agus air na Forbesich; thug e deannal sgaiteach dhoibh anns an dol seachad, agus rainig e campa Mhontrois ann an deagh am gu a phairt fein a ghiulan de bhlar fuilteach Dhon, a chuireadh air an dara latha de July anns a’ bhliadhna 1645, agus anns an d’ rinn e fein agus a dhaoine casgairt sgriosail air sgiath chli feachd na Parlamaid—agus an deigh dha an ruaig a chur orra gu dian agus gu dannara, thìll a dhaoine dhachaidh d’ an glinn fein luchdaichte le creich, gun duine dhiu a chall ach dithis leointe, a dh’ fhag iad ’n an deigh; ach air do ’n fheachd rioghail a’ Ghaidhealtachd fhagail, thoisich ar seann chairdean, maithean a’ chinnidh air ceannairc agus ar-a-mach a dhusgadh aon uair eile gu h-uaigneach, an aghainh a’ chinn-fheadhna, agus ni bu deine na a rinn iad riamh. Chunnaic iad a nis gu soilleir meud a’ chumhachd agus na h-onoir a bhuineadh do cheann-feadhna flathail, priomhathairei, d’ am biodh dian ghradh agus urram aig a chuid iochdaran; agus as eugais a leithid sud de Cheann-feadhna, nach b’ fhada gus am biodh Clann-Choinnich air an ditheachadh, no air a, char a b’ fhearr, gu ’n tuiteadh iad o’n t-seasamh thoiseachail, ainmeil a bha aca riamh am measg fhineachan na Gaidhealtachd mu thuath. Dh’ fheumta rud eigin a dheanamh—rud sam bith, maith no olc, a thiorcadh iad o chumhachd Nagair, a bhiodh a reir am beachd, ’n a thamailt dhoibh mar fhine, agus ’n a isleachadh tubaisteach o ’n chliu agus o ’n ainm fhiughail a bhuineadh riamh dhoibh. Bha fiosaichean, buidsichean agus taibhsearan air am fasdadh gu bhi a’ faighinn a mach ciod a bha ri tachairt. Bha taisbeanaidhean nam fiosaichean air an cumail ’n an diomhaireachd, agus binn eagalach air a toirt a mach air Silis. Chaidh na maithean aon uair eile le teachdaireachd a dh-ionnsaidh a’ Chinn-fheadhna, ach aig an am so, cha b’ ann a dh-iarraidh air dealachadh ri annsachd a chridhe, ach a chomhairleachadh dha uidheamachadh a dheanamh airson turus cràbhaidh soluimte gu uaigh an Naoimh Bothain; air latha Nollaig; oir gu ’n d’ fhoghluim iad o chaochladh fhiosaichean agus thaibhsearan as an robh iad earbsach, mar thoradh air an turus, agas a reir nadur agus luach na h-ofrail a leagta leis a’ bhanmhoraire air naomhchobhan Bhothain, nach b’ fhada gus am beirte leatha oighre air teaghlach aosda Ghlinn-Garnaid agus Eidirdeil; agus gu ’n d’ thugadh dearbh chinnt dhoibh, nach tuiteadh am fine gu brath fo chumhachd no fo riaghladh teaghlach mallaichte Nagair. Bha Moraire Eidirdeil a nis air a lionadh le gairdeachas dòchasach agus le taingealachd. Shaoil e gu ’n robh gach cunnart agus buaireas leis an robh e air a sharuchadh re ioma latha, a nis air tighinn gu crich. Chur e litirichean-cuiridh a dh ionnsaidh an iomlain de mhaithean a chinnidh, iad fein agus am mnathan a thighinn gu pairt a ghabhail anns an turus-chrabhaidh ud gu uaigh Naomh Bothain, oir bha e ’cur roimhe gu ’m biodh an turus ud air a chomharrachadh le greadhnachas morchuiseach. Ach thainig an Nollaig le stoirm cho gaillionnach, a’s gur gann a b’ urrainn do neach sam bith sealltuinn a mach thar doruis; bha a’ ghaillionn uamhasach. Ged tha an geamhradh mar is trice gle iargalta anns a’ Ghaidhealtachd, thug an geamhradh ud barrachd orrr uile. Bha ad sneachd anabarrach trom, agus air an fheasgar roimh latha Nollaig, thainig aiteamh le garbh-fhrasachd agus le gaoith dhoinionnaich nach bu chuimhne leis an fheadhain bu shine a bha ’s an duthaich, a leithid ’fhaicinn. Bha an duthaich uile ’n a h-eabar sluaistreach le sneachd leth-leaghta: uillt chaoireach a’ taomadh o gach leathad; air chor agus nach measteadh neach air bith a bhi ’n a chiall, a smaointicheadh air dol a mach a dorus air maduinn na Nollaig, oir bha gach abhuinn agus allt thar am bruachan, agus mar sinn cha d’ thainig de na maithean a bha air an cuireadh gu Caisteal Gharnaidach ceathrar, gun bhean gun nighean comhla riu, oir b’ ann air chunnart am beatha a thainig iad fein. Chuir na maithean ud rompa, nach faodteadh air chor sam bith dail no dearmad a dheanamh air a’ ghnothuch chudthromach airson an d’ thainig iad, ciod air bith cunnart no saruchadh a thigeadh ’n a lorg; oir chaidh ’innseadh dhoibh na ’n cumadh eagal roi fhuachd agus fhliuchadh air an ais iad air an latha ud, nach tigeadh latha eile gu deireadh an t-saoghail anns am biodh an turus-crabhaidh air a chrunadh le buaidh, no le beannachd Naoimh Bhotain. Bha earrann de ’n rathad gle chunnartach, ach cha robh an t-astar ro fhada; chaidh Silis ’n a h-uidheam gu toileach, sunndach air a comhdach cho math ’s a dh fhaodadh i, agus a mach ghabh iad air an turus. Anns a’ cheud dol a mach, bha aca ri dol thairis air an drochaid-mhaide. B’e sud an sealladh eagalach; cha ’n fhacas riamh roimhe a leithid an Albuinn. Bha an abhuinn a’ ruith ’n a caoirean mulanach, nuallanach, agus a’ leumthar nan stallachan le toirm uamhasaich leis an robh iad ach beag air am bodhradh; bha an tuil ’n a stioman còbhragach a’ ruith fo ’n drochaid le a leithid de luathas a’s nach b’ urrainn neach a shuil a chumail oirre car mionaid gun dol ’s an tuainealaich, agus an drochaid i fein, laidir mar bha i, air chrith mar shlataig chaoil. (Ri leantuinn.) Am fear a sheallas roimhe, cha tuislich e. Am fear nach toir gnothach do ’n bhaile mhòr, bheir e gnothach as. [TD 9] [Vol. 5. No. 3. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 18, 1896. No. 3. Litir a Alba. Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach, cho frogadach, Bodachan a’ ghàraidh Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA,—Tha seachdain no dha o nach d’fhuair mi ùine air sgriobhadh ugad. Bha mi anabarrach trang o’n a thainig an samhradh. Bha ’n t-earrach cho fliuch ’s nach d’ fhuair mi an gàradh a ruamhar ann an àm. Mar a tha fhios agad fhein, cha ’n ’eil e math do ’n talamh a bhith ’ga ruamhar ri sìde fhliuch. Bha mi fada gun na frasan a chur, agus an uair a thàinig an t-side bhriagha, bhlath oirnn eadar dha Bhealltainn, dh’ fhas na frasan ann an ùine anabarrach goirid. Agus cha b’ iad na luibhean nàdurra dad bu mhaille gu fas. Is minic a bha mi’smaointean gur ann mar so a tha ’n t-olc a tha gu nàdurra ann an cridhe an duine: fasaidh e anabarrach bras, agus mur cumar fodha e gheibh e làmh-an-uachdar air a’ mhath. Tha mi nis ùine mhath ri gàradaireachd, agus ghabh mi beachd gur e an dòigh a’s fhearr gus na luibhean nàdurra a ghlanadh as a ghàradh, an spionadh a rithist agus a rithist as an talamh, agus an sin an talamh a chabadh gu math ’s gu ro mhath leis an tobha. Ach ma chabar an talamh gun na luibhean a spionadh as an toiseach, fasaidh iad cho bras ’s a rinn iad riamh, ma bhios an t-side tais blàth. Is ann mar sin a bha an t-side mar bu trice o’n a thàinig an t-earrach agus an samhradh. Tha ’chuis coltach gu ’m bi gàraidhean na duthchadh so glé phailt anns gach seorsa meas, ach ùbhlan a mhàin. Tha daoine a’ gabhail beachd gur ann a’bhliadhna a’ bhios reothadh teann ann ré a’ gheamhraidh a’s fhearr a dh’ fhasas na h-ùbhlan. Nach faodadh aon de na Gàidheil chòire, fhiosrach a tha eòlach air mar a tha na measan a fas ann an America a bharail a thoirt dhuinn anns a’ MHAC-TALLA mu dheidhinn na cùise so. Tha sinn anns an dùthaich so a faotainn mòran ùbhlan a America agus tha e air innseadh dhuinn, gu bheil iad cuid de bhliadhnachan moran ni’s pailte na tha iad bliadhnachan eile. Bu mhath leinn fios fhaotainn ciod is aobhar dha so. Cha’n eil teagamh nach eil fios an aobhair aig iomadh neach araon an so, agus thall agaibhse. Mun ruig an litir so thu bidh am MAC-TALLA a’ dol a steach anns a chòigeamh bliadhna de aois, agus tha mi ’tuigsinn gu’m bi e ni’s mò na bha e. Is ait leam an sgeul so a chluinntinn. Tha dòchas agam gu seas na Gaidheil air a thaobh, agus gu’n toir iad dha fàilte chridheil, chaoimhneil mar bu ghnàth leis na fìor Ghaidheil a thoirt do gach fear-dùthchadh treun, duineil, treibhdhireach a ruigeadh na dorsan aca. Ach, mo thruaighe, tha àireamh mhòr de Ghàidheil na dùthchadh so air fas anabarrach Gallda. Cùl mo laimhe ris na Gaidheil Ghallda. Cha tugainn boineid Neill bhàin orra. Tha gaol na sgillinn agus cleachdadh nan Gall air thuar gach caoimhneas is duinealas a bh’ annta gu nàdurra a chur buileach glan as an t-sealladh. An Gaidheal aig nach ’eil meas air cànain a dhùthchadh cha’n fhior Ghàidheal e. Faodaidh e dhol gu feill no gu banais ann an trusgan suaicheanta nan Gàidheal, agus toirt air fein a chreidsinn gur fior Ghaidheal e, ach is iomadh fear air am bheil fhileadh bheag is sporran donn is cota goirid anns a’ chom a labhras gle thàireil ann an comunn nan Gall mu’n Ghaidhlig agus mu na Gaidheil. Tha eagal orm gu faodar a radh le fìrinn nach ’eil ann am moran diubh ach na sionnaich ann an craicionn nan caorach. Biodh so mar a thogras e, feumaidh gu seas na fìor Ghàidheil air taobh an aon phaipear-naigheachd a tha aca anns an t-saoghal. Lean thusa romhad mar a tha thu ’deanamh, agus theid a’ chùis leat. Tha na fàidhean bréige a bha cur air do mhanadh nach seasdh tu do chasan gus an diugh, a nis ’nan tosd, agus bhiodh e cho math leotha nach d’ fhosgail iad am beoil riamh mu dheidhein. Cha rachainn an urras nach biodh iad air àireamh do dhluth-chàirdean mu’n tig bliadhn’ o’n diugh. Is iomadh rud cho iongantach ris a thachair. Cha’n ’eil guth no iomradh aig Gàidheil na h-Alba air paipear-naigheachd a chur air chois ’nam measg fhein. Ach o nach ’eil de dhuinealas annta na nì so, nach fhaodadh iad am MAC-TALLA a ghabhail? Na toir thusa guth air so, ach creid thusa mise nam faighinnsa cothrom air na bheil de Ghàidheil Ghallda ann an Alba, ghabhainn air a h-uile mac màthar dhiubh le taod fliuch. “Nam b’ urrainn duit,” ars’ iadsan. Seadh, dìreach nam b’urrainn domh. Ach gu fortanach dhaibhsan cha’n urrainn domh. Nan deanadh dùrachd e bhiodh làrach an taoid air cliathach gach fir dhiubh. Is tric leam greiseag a thoirt air reusanachadh ris na Gaidheil a dh’ éisdeas ri reusan, agus tha dochas agam gu’m buadhaich mi air cuid diubh latha no latha eiginn. Cluinnidh tu uam an ùine gun bhith fada. Is mi d’ fhior charaid BODACHAN A’ GHARAIDH. Latha Fheill Peadair, 1896. GRAMAR UR GAILIG.—Tha Gràmar ùr Gàilig air a chur a mach o chionn ghoirid leis an Dotair H. C. Mac ’Illiosa ann an Lunnainn. Tha e ’na leabhar a tha sinn an dochas agus an dùil a bhios gle fheumail dhaibhsan a tha airson eòlas math a chur air cainnt nan Gàidheal. Tha e leantuinn ann an ceumannaibh Gramar an Stiùbhartaich, ach tha e ’cur soilleireachadh air iomadh puinc a bha leabhar an Stiubhartaich a fagail car dorcha. Tha e air a’ sgriobhadh gu math agus gu pongail, agus air a chur an clo gu snasail. Tha sinn ag earbsa gu faighear creic mhath dha, agus gu’m bi e ’na mheadhon air moran de Ghàidheil òga bhrosnachadh gu bhi cur tuilleadh eolais air cainnt an sinnsir. Tha e ’na chomharradh soilleir air gu bheil ar cànain a’ deanamh adhartas, leabhraichean dhe’n t-seorsa so a bhi ’g an cur a mach, Gheibhear Gramar ’Ic ’Illiosa air son tri tasdain us sia sgillinn (3s. 6d) bho David Nutt, 270-272 Strand, London, England. Tha dealbh-chuimhne Fionghal Dhomhnullach ri bhi air a chur suas ann an Inbhirnis an ùine ghoirid. Tha e ri bhi air a chur air Cnoc a Chaisteil, far am bi Fionghal ’sna bliadhnaichan ri teachd ag amharc ris an àirde ’n iar far ’n do thog Prionnsa Tearlach a bhratach. Tha an dealbh a’ cosg mile punnd Sasunnach; chaidh an t-suim sin a thoirt do’n bhaile le fear de luchd-daimh Fionghail, Caiptean Iain Henderson Domhnullach, a Lunnainn. Tha e gle iomchuidh gu’m biodh dealbh-chuimhne air a chur suas do’n mhnaoi-uasail threin so ann an ceanna-bhaile na Gàidhealtachd. Chaidh fios a chur air falbh à New York o chionn ghoirid a chaidh ceithir-thimchioll an t-saoghail, a cheud fhios a rinn an turus sin riamh. Shiubhail e ochd mile fichead de mhiltean, agus b’ e ’n ùine thug e air an t-astar sin a dheanamh, da fhichead mionaid s’a h-ochd. An ceòl air feadh na fidhle. An ceòl gàire bha ’n uiridh aca, ’na cheòl guil am bliadhna. [TD 10] [Vol. 5. No. 3. p. 2] SILIS NIC-COINNICH. SEAN SGEUL GHAIDHEALACH. (Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.) II. Chriothnaich Silis, threig a misneach i, agus tharruing i air a h-ais o ’n t-sealladh uamhasach; ach ’n uair thug i fainear an dannarrachd a bha gu soilleir ri fhaicinn ann an gnuis gach aon de chach, chuir i roimhpe gu ’n leanadh i iad; dhuin i a suilean agus ghreimich i gu teann ri gairdean a fir, agus ghabh iad an toiseach. Lean Carnach agus mac a bhrathar, Bar-a-mhuilinn, air an sail agus Achadh-na-sion agus Monar air dheireadh. Air meadhon na drochaid, ghlac Carnach agus Bar-a-mhuilinn Silis, agus ann am priobadh na sul’ thilg iad bharr na drochaid i. Bha an gniomh air a dheanamh cho grad ’s nach robh uine aice air sgal no sgread a thoirt aisde, no eadhon a suilean ’fhosgladh; ann an tiota chaidh i as an t-sealladh; bha an sruth cho laidir a’s gu ’n do ghiulain e air uachdar i cho aotrom ri iteig. Thuit i air a druim ’n a leth shuidhe, cha deachaidh i oirleach fodha, dh’ fhalbh i air uchd na tuil mar shaighead o’n t-sreing, agus ann an uine ro ghoirid chaidh i as an sealladh. III. CHA bu luaith’ a thilgeadh Silis bharr na drochaid-mhaide, na ghlac na maithean ud an ceann-fine ’n an gairdeanan, agus ghiulain iad eatorra e air ais do’n Chaisteal. Chaidh e gu buileach as a chiall; bha e mothachail air a chall, ach cha robh beachd toinisgeil aige ciamar a thachair e, cha b’ urrainn e a thuigsinn. Anns a’ cheud dol a mach mhallaich e Barr-a-mhuillinn, agus bhoidich e gu ’m faca e le a shuilean fein e ’g a putadh bharr na drochaid; ach bhoidich cach an aite sin, gur h-ann a thug Barr-a-mhuillinn ionnsaidh air greim a dheanamh oirre ’n uair a mhothaich e i a’ tuisleachadh leis an tuaineal a chaidh ’n a ceann, leis an t-sealladh uamhasach a bha air gach taobh dhi, agus a thug oirre leum bharr na drochaid; agus mu ’n d’ thainig an oidhche, thug iad air a chreidsinn gur h-ann mar sin a bha chuis. Cho grad ’s a ghabhadh e deanamh, chuir iad eich agus gillean air falbh gu beul na h-aibhne, ann an dochas gu ’m faighte corp Silis an oir a’ mhuir-lain; fhuair iad bàtaichean agus iasgairean, le ’n lìn agus le an greimichean ann an ordugh cho cabhagach ’s bu chomasach dhoibh; sgriob iad an cladach thall ’s a bhos gus an d’ thainig an oidhche orra, ach cha d’ fhuair iad Silis. N’ uair a chuala am Moraire nach d’ fhuaradh i, chaidh a bhron thar cuimse, chaill e a chiall agus a bhreithneachadh gu buileach; chuir e roimhe gu ’m feumadh e fein togail a mach air toir a Shilis ionmhuinn ionghradhach; stoirmeil dorcha mar bha an oidhche, an e gu ’m fanadh esan fo dhion no fo fhasgadh gun fhios nach faodadh annsachd a chridhe a bhi ’g a luasgadh ann an oir a mhuir-lan re na h-oidhche, gun duine a sealltuinn a’ mach air a son; O! na ’m b’ esan a bhiodh na h-aite, is i a Shilis ghaoil, nach leagadh a ceann ri cluasaig air an oidhche ud mar a bha a chairdean ag asluchadh air a dheanamh. Ri h-ùine, gheill e do chomhairle a chairdean; ach bha a bhron cho domhain agus nach e a mhain gu’n robh a chridhe fein an impis sgaineadh, ach gu ’n robh a leithid de bhuaidh aige air cridheachan bruideil an-iochdmhor nam maithean uaibhreach ud, a’s gu ’n do chriothnaich iad le uamhann agus le geur-aithreachas airson a’ ghniomh aingidh, fhuiltich anns an robh an lamhan air an deargadh. ’N a aonarachd dheuchainnich, bha, a reir an aideachaidh, an comhfhulangas a’ bu chaomhala aca ris a’ cheann-fhine, cha ’n fhagadh iad leis fein e; ach cha ’n fhaodadh iad fuireach ro fhada ’n a chuideachd, agus air falbh bho an teaghlaichean fein; uime sin chomhairlich iad dha, e sgur d’ a chaoidh cho ealamh a’s a b’ urrainn e, oir ged a dh’ fhaodadh e bhi an aghaidh a thoil agus ’fhaireachduinn aig an am, gu ’m b ’e a dhleasdanas—cha b’ ann a mhain air sgath a chinnidh chumhachdaich air an robh e ’n a cheann—’inntinn a dheanamh suas gun dail gu sealltuinn a mach airson ceile a bhiodh airidh air a laimh, agus air an inbhe aird agus chudthromaich anns an robh e air a shuidheachadh. Agus ged bha a chall agus aobhar a thrioblaid aig an am ’n a fhreasdal dorcha, co aig an robh fios nach b’i toil an Uile-chumhachdaich gu ’n tachradh e, gu bhi toirt as an rathad a’ chuspair ud, uasal, aillidh agus ion-ghradhach ged bha i; ach a reir coslais, a bha seasamh eadar esan agus oighre dligheach ’fhagail ’n a dheigh gu bhi cumail suas ainm agus teaghlach ’athraichean, agus gu bhi tiorcadh a chinnidh o thuiteam n’ an traillean agus ’n an iochdarain fo neach do nach robh aon chuid, speis no urram aca. “Aidichidh mi” ars am Moraire, “gu ’m bheil ’n h-aobharan a chuir sibh fo m’ chomhair, cudthromach agus reusanta. Ged bha mi riamh mothachail gu ’n robh mo chrannchur a reir toil agus ordugh an Tighearna, gidheadh, bha e ’n a ’dhoilghios dhomh. Ach cha ’n ’eil na nithe so aig duine air bith, ’n a chumhachd fein, agus ged tha cuid ann, aig am bheil an cridheachan cho suidhichte air na nithe d’ an crioch am fein bhuanachd, a’s gu ’m bheil am faireachduinnean agus an gniomharan air an riaghladh leo, cha ’n e sin cor mo chridhe-se aig an am so. Ma thig an latha anns an urrainn mise mo chridhe briste a lubadh gu bean eile a ghabhail do m’ ionnsaidh, ni mi sin, ach c’ uin a thig an latha sin orm, cha ’n urrainn mi a radh. Ciamar is urrainn mise mo lamh a thairgseadh do mhnaoi eile fo ’n ghrein? An gradh a thug mi do Shilis, cha toir mi gu brath do mhnaoi eile. Dh’ fhaodainn mo lamh agus mo bhoidean-posaidh athoirt dhi; ach ’n uair a dhuisginn anns a’ mhaduinn agus a gheibhinn a mach gu’r te air bith eile ach mo Shilis a choidil ’n am bhroilleach, chuireadh e a leithid de bhuaireas orm a’s gu r h-eagal leam gu ’n cuirinn lamh ’n a beatha, agus ’n am bheatha fein mar an ceudna. A chairdean gradhach, calma, creidibh mi agus na cuiribh teagamh ann,—tha call mo Shilis fein, air a dheargadh cho domhain air mo chridhe a’s nach urrainn mi gu brath te eile a chur ’n a h-aite. Ach ma ’s comasach gu ’n tig atharrachadh air mo chridhe, ge b’ e uair a thig e, geillidh mi d’ ur comhairle, ach gus an tig, cha gheill.” Cha robh freagradh a’ Mhoraire do chomhairle a chairdean idir cho fabharach ’s a bha fiughair aca; chuir e fo ghruaim agus fo amhladh iad; chrath gach aon dhiu a cheann le feirg agus le duil-bhristeadh. Thug iad fuil neo-chiontach air an cinn, gun a’ chuis a dheanamh dad ni b’ fhearr, ach moran ni bu mhiosa. Cho fad ’s a bha Silis beo, bha rudeigin de dhochas aca nach basaicheadh Eidirdeil gun oighre fhagail ’n a dheigh, oir mo chreach! ghearradh as i mu ’n robh i ach gann naoi bliadhna fichead a dh-aois; bha a h-aite nis falamh, agus cuisean, a reir coltais, ni bu duirche na bha iad riamh. Bha cridheachan ardanach nam maithean uaibhreach ud a nis air am bioradh le geur-aithreachas. Ma bha mi-fhortan a’ Mhoraire gach latha, o mhoch gu anmoch, ’na chuis sheanchais eadar e fein agus a chairdean, cha bu lugha bha e mar sin am measg nan seirbheiseach shios an staidhir, ach bha mor easaonachd am measg nan seirbheiseach d’ a thaobh—gach aon fa leth dhiu de chaochladh barail mu’n doigh air an do thachair an sgiorradh craiteach ud leis an do chaill iad banmhaighistir a bha cho uasal, cho aoidheil agus cho so riaghlaichte. Am measg nam fineachan Gaidhealach bha gach diomhaireachd agus comh-chordadh am bitheantas aithnichte do ’n iomlan dhiu, ard a’s iosal, ach dhoibhsan an aghaidh am faodadh falachd no aimhleas a bhi air a dheilbh. Am measg an fhine so, gu sonruichte, gheibhte na h-iochdarain de ’n aon bharail mu gach cuis ris na h-uachdarain. Bha na h-iochdarain cho trailleil agus cho eisimeileach a’s gu’m faodadh na h-uachdarain, gun eagal gun soradh, gach diomhaireachd earbsadh riutha. Re ioma bliadhna, cha robh antlachd agus mi-run nan uaislean do Shilis, ’n an diomhaireachd do neach sam bith ach dhi fhein a mhain; cha do smuaintich ise riamh gu ’n robh i ann an cunnart. Bha geur-amharus aig na seirbheisich gu ’n robh lamh aig na maithean cuilbheartach ud, air doigh eigin, ’n a bas, ach ’n an traillealachd dhiblidh, cha ’n aidicheadh iad e; ciod air bith barail a bh’ aig a’ Mhoraire agus aig a chairdean shuas an staidhir mu ’n chuis, b’i sin am barail-san mar sn ceudna. Ach bha caileag og, thapaidh, bhiorshuileach am measg nan seirbhiseach, d’ am b’ ainm Oighrig Nic-Coinnich, a bha ’n a comhdhalta do Shilis; agus d’an robh mor speis aice. Bha Silis lan-earbsach a dilseachd Oighrig anns na h-uile ni, agus bha Oighrig [TD 11] [Vol. 5. No. 3. p. 3] da-rireadh airidh air a muinghinn. B’i barail Oighrig gu ’n robh na maithean ud ciontach do bhas na ban-mhoraire, agus cha b’ eagal leatha a h-amharusan aideachadh an lathair neach air bith, coma co e. Bha a h-amharus laidir air seann fhear Charnaich, mar cheann agus mar fhear-stiuraidh do chach; bha i lan-dearbhta ’n a beachd fein, agus cha b’ eagal leatha ’chur as a leth, gun athadh, gun soradh, gu’n do mhoirt e a bhan-tighearna, agus gu ’n robh e a’ mealladh a’ Mhoraire, a chionn gu ’n robh deagh fhios aige gur h-e fein a b’ fhaisge ann an daimh do ’n cheann-fheadhna, agus na ’m basaicheadh am Moraire gun oighre fhagail ’n a dheigh, gu ’n tuiteadh an tiodal agus an ceannas-cinnidh air fein agus air a theaghlach, do bhrigh nach geilleadh am fine gu brath do Nagaar. Ged a bha na seirbheisich ’ga breugnachadh agus a’ maoidheadh gu ’n casaideadh iad i mur cumadh i a droch theanga fo smachd, a dh-aindeoin gach bagraidh, sheasadh Oighrig gu calma ris na thubhairt i; bha i coma co a chluinneadh e. Chuir i na seirbheisich fo eagal agus fo bhuaireas le a danachd neo-sgathach; chruinnich iad m’ a timchioll a’ crathadh an cinn, a’ splèucadh agus a’ dur-shealltainn an aodannaibh a cheile. “Tha mi lan-dearbhta” arsa Oighrig.—“Is math is aithne dhomh na bha de innleachdan diomhair, cuilbheartach air an deilbh le maithean suarach, drochmhuinte ur cinnidh, an aghaidh ur deagh bhan-mhaighistir, uasal, aobhach, neo-choireach mar bha i; ach gu sonruichte leis an t-seann nathair lùbach ud, Carnach, a bha air ceann chaich, mar shealgair air ceann lothainn chon-luirge, a’ feuchainn gach innleachd gu cur as dhi; mo chreach agus mo dhiubhail gu ’n deachaidh leis; ach beiridh dioghaltas airsan gun dail. Thig fianuis do ’n Chaisteal mu ’n teid moran laithean seachad, a dhearbhas a chionta; tha mi lan-chinnteach as, oir chaidh ’fhoillseachadh dhomhsa bho an duthaich tha taobh thall na h-uaigh nach fada gus am faic mi a sheann chorp mosach, gun deo gun anail ’n a shineadh air bearradh na creige eadar an abhainn agus an Caisteal, le ’fheoil air a reubadh agus a chnamhan air am bristeadh.” (Ri leantuinn.) COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—A dhiulanaich mo ghraidh, ciod ris am bheil thu mar so, le d’ chaibe mor, le d’ gheimhleig fhada, agus le d’ phiocaid gheur? Ann an ainm an aigh, ciod is obair duit, agus ciod is ciall do ’n toll mhor, fharsuing a tha thu a’ cladhach air a’ chomhnard so? COIN.—Gleidh mise! Am bheil mo shuilean a’ cur an ceill na firinn, no am bheil iad ga m’ mhealladh le faoin-sgailibh luaineach, no le taibhs’-shealladh air mo charaid runach? Is tusa th’ ann, fhir mo ghaoil, is tu a th’ ann gun teagamh. Ochan! ochan! tha sòlas an diugh mar chaomh-sholus na greine a’ boisgeadh anns gach ionad agus oisinn mu ’n cuairt, do bhrigh gu ’n do nochd thu thu fein gun fhios gun aire, gun dail gun dochas riut. Is mairig a their nach ’eil brigh ann am bruadar. Chunnaic mi ’n am chadal an raoir thu, agus thubhairt mi ’s a’ mhaduinn ri Seonaid, “Cha ’n fhada gus am faic sinn Murachadh Ban,”—agus nach b’ fhior e! Ochan, a Righ! Is i do bheatha do ’n Ghoirtean-Fraoich, ’S aighearach, aobhach an diugh mi: A Mhurachaidh, thig, ’s dean suidh’ ri m’ thaobh, Dh’ fhag d’ fhaotainn balbh gun ghuth mi. Tha Seonaid ’dannsadh air an raoin, Tha ’n Goirtean-Fraoich gu cridheil; Gach beag a’s mor a’ glaodhaich mar aon— “Tha Murachadh Ban air tighinn!” MUR.—B’ e ’n t-ioghnadh e, a Choinnich, b’ e ’n t-ioghnadh caraid fhaicinn a chunncas leat gu tric roimhe, a chunncas leat o cheann ghoirid, agus a chithear leat fathast gu tric ma bhios cothrom agus comas nan cas aig seann Mhurachadh Bàn. Ach tha moran agam r’ a fhoighneachd mu ’n ghne oibre a th’ agad os laimh an sin; mu ’n bhardachd a rinn thu a dh-altachadh mo bheatha aon uair eile do ’n Ghoirtean-Fraoich, agus mu chor Seonaid a tha ’dannsadh air na raontibh ma ’s fior a deagh chompanach. Tha eagal orm, gidheadh, nach ’eil anns an dannsadh sin ach aon de na dealbhaibh luaineach a shuidhich na Ceolraidhean anns an inntinn innleachdaich aig Coinneach Ciobair. Ach biodh sin mar a ’fheudas, cha d’ innis thu riamh dhomh gu ’n robh gride na bardachd ’s a chlaigeann chruaidh sin agad, agus cha do smuainich mi riamh gu ’n robh thu air do dheasachadh le spiorad nan ceolraidh, gus an cual mi na rannan ud a rinn thu air ball, an uair a thainig mi ort gun fhios gun aire dhuit. Tha deagh fhios agam gu ’m bheil thu taghta air na h-oranaibh ged nach robh comas agam aig am sam bith do chluinntinn. Ach cluinnidh mi an deigh so caileigin de ’n rannaireachd air am bheil thu gun teagamh co ro ghleusda. Aig an am so, gidheadh cha ’n ’eil uin’ agam r’ a bhuileachadh air na nithibh sin, dh’ aindeoin co taitneach ’s a bhitheadh iad. COIN.—Nach minic a chual thu, a’ Mhurachadh, “gur luaithe deoch na sgeul!” Air do ’n chuis a bhi mar sin, fagam an toll mosach, salach so, far am bheil mi, mar a tha thu ’faicinn, co bog, fluich, tartmhor, sgith, agus rachamaid a choimhead air Seonaid, air am bheil fadal gu leoir, gu d’ fhaicinn, agus feuchaidh sinn ciod a dh’ fheudas a bhi ’s an t-searraig-dhuibh, oir tha e cinnteach gu ’m bheil feum nach beag agad-sa air boinne ’s air bonnach an deigh do thurais; agus cha mhiste mi fein an t-suil a fhliuchadh an deigh m’ aornagain agus mo luidridh ’s an t-sloc dhuibh ud. Tiugainn ma ta, thugamaid an tigh oirnn, oir co cinnteach ris an airgiod bhaistidh, tha Seonaid air call a foighidinn. MUR.—“Co cinnteach ris an airgiod bhaistidh,” an e thubhairt thu, a’ Choinnich choir. Bha ’n la sin ann, ach am measg nithe eile, dh’ fhalbh e. Cha ’n ’eil guth an diugh air airgiod baistidh, ach ’n a aite bheirear seachad mir mor paipeir co leathann ri dorus a’ mhuillinn, air am bheil gach ni mu ’n leanaban air a chur sios; ach is tu fein a’s eolaiche air so a chleachd e. Air mo shon-sa dheth, tha ’n la sin seachad, ach cha d’ eirich sin duit-sa, fhir mo ghraidh. Ciod, gidheadh, is ciall do ’n t-sloc uamhasach sin anns am bheil thu a’ cladhach?” COIN.—Is comadh leam sin, a’ Mhurachadh, agus cha ’n ann a thoirt droch fhreagairt ortsa; ach cha chuireadh e mor-dhuilichinn orm, ged dheanadh e leabadh re seachdain do ’n fhear a’s coireach ri bhi ga ’dheanamh. MUR.—Seadh, ach co e am fear sin? COIN.—Co, ach Sir Seumas an aigh! So mar a bha ’n gnothuch. Bhruadair e air oidhch araidh gu ’n robh am fearann aige lan guail, agus nach robh an gual ach beagan shlat sios o bharr na talmhainn, anns a’ cheart aite far am bheil mi a’ cladhach. Uime sin, dh’ orduich e dhomhsa cumadh an tuill a ghearradh a mach, agus a bhi ’criomadh ris mar a dh fhendas mi, gus an cuir e comunn laidir ga ’oibreachadh air an ath sheachdain. Theid e sios, tha e ’g radh, gu doimhneachd thri no ceithir fichead aitheamh; ach ged a rachadh e sios gus an tig e a mach air taobh eile pheileir na talmhainn, cha ’n fhaigh e smad guail. MUR.—Cha chual mi a leithid riamh! An e so aobhar a’ bhurachaidh a tha thu a’ deanamh, a charaid? Tha ’n obair mor, ach cha ’n ’eil i taitneach, agus gu cinnteach, mar a thubhairt thu, cha bhi i tarbhach. COIN.—A reir mo bheachd-sa, a Mhurachaidh, tha ’n gnothuch mar so—cha ’n ’eil teagamh agam ann—agus ’s e sin, gu ’m bheil bruaillean iongantach ann an eanchainn Shir Seumas riamh o ’n dhealaich e ris an tuath mhor aige, agus o ’n ghabh e na fearanna ’n a laimh fein. Gach la o ’n am sin, bha e cosmhuil ris a’ bhuideal a bha cas-ruidhleadh leis an leathad, gun arcan ann, agus a bha sìor chur nan car dheth, ach cha robh car ach car gu call. Mar sin, dh’ eirich do Shir Seumas. Bho am an dealachaidh so, cha robh tlachd no rath air ni sam bith a bhuineadh dha. Ghabh e searbh aithreachas, ach cha ’n aidich se e. Dh’ fhas e co frionasach, crosda, greannach ’n a nadur ri cearc-Fhrangach, agus cha robh e ’faotuinn fois ’n a inntinn fein a la no dh-oidhche. Cha do fhreagair an spreidh Eireannach ’s an tir so idir. Chaidh na h-uiread de na h-eich a dhith air, agus iadsan nach deachaidh, dh’ fhas iad co caol, cruaidh ri bulas na poite. Chaill an crodh na laoigh, shearg na caoraich as leis a’ ghalar-greidh, agus cha ’n ’eil ach mi-shealbh air gach ni o ’n la dheistinneach sin air an (Air a leantuinn air 6 taobh.) [TD 12] [Vol. 5. No. 3. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, IULAIDH 18, 1896. Tha MAC-TALLA air tòiseachadh air bliadhn’ eile, an coigeamh bliadhna de ’bheatha. Le cuideachadh nan càirdean air ’n do chuir e eòlas re nan ceithir bliadhna ’chaidh seachad, càirdean a tha nise araon lionmhor agus dileas, tha e ’n dòchas gu’m bi e air a’ bhliadhna so fad air thoiseach air mar a bha e bliadhna sam bith eile. Tha àireamh mhath de dheagh sgriobhaichean air a chulaobh a chumas sgeulachdan, eachdraidhean, litrichean, agus seanchas math eile ris, nach urrainn ach a bhi taitneadh ris an luchd-leughaidh. Cha ruig sinn a leas gin dhiubh ainmeachadh, oir tha iadsan a tha leughadh a phaipeir o sheachdain gu seachdain eòlach orra uile. Ach tha iad air fad a’ gealltuinn gu’n dean iad air a’ bhliadhna so, mar a rinn iad ’s na bliadhnaichean roimhe, gach cuideachadh is urrainn daibh a thoirt dhuinn air sgàth am paipear Gàilig a chumail suas. Tha sinn an dòchas gu’m bi iadsan a tha ’ga leughadh dhe’n aon rùn, agus nach e mhàin gu’n déilig iad ris cho math ’sa b’ àbhaist daibh a dheanamh ach moran na’s fhearr. Ma theid na tha de fhior Ghàidheil a’ faicinn MHIC-TALLA ’na chuairtean seachdaineach an guaillibh a chéile ’s gu’n cuir iad rompa deagh theachd-an-tir a chumail ris, cha ’n eagal dha. Tha làn earbsa againn á duinealas us dilseachd nan Gàidheal, agus tha làn dhòchas againn gu’n cuir iad ’nar comas am MAC-TALLA thoirt troimh ’n bhliadhna so na’s fhearr na thainig e troimh bhliadhna fhathast. Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha e air a radh rud ’s an teid dàil gu’n teid dearmad. Cha mhor nach ann mar sin a tha mise; tha ’n ùine cho fada bho nach do sgriobh mi ’s gu bheil mi nis air fàs mar gu’m b’ ann suarach mu sgriobhadh idir. Ach coma co dhiu, mar thuirt fear roimhe “feuchaidh sinn a ris e.” Cha a bhi mi ’g innse—tha fios aig a h-uile h-aon a dh’ fheuch e—nuair nach bi duine ann am fonn sgriobhaidh nach bi ann ach obair suas am bruthach. Tha gach duine nise air socrachadh bho’n chaidh an Taghadh seachad, agus gu cinnteach ’s iomadh duine gòrach a bha deanamh amadain dheth féin air sgath a phàirtidh ge b’ e de phairtidh d’ am buineadh e. Ach coma co aca, tha mhuinntir a bha roimhe so air an taobh lag a nise air an taobh làidir, tha iadsan a bha stigh fad nan ochd bliadhna deug a chaidh seachad a nise air an cur a mach agus iadsan a bha mach air an cur a stigh. Tha sinn an dòchas gu’n tig na timeannan na’s fhearr a nis, agus ma thig gu cinnteach tha sinn feumach orra. Rinn na leumadairean feòir cron mor air a’ bhàrr anns an àit so; tha cuid ann aig nach d’ fhàg iad mir feòir no corca gun ithe. Ach thainig frasan math’ uìsge o cheann beagan lathaichean agus tha ’n t-ionaltradh air fàs gorm a ris, agus cha ’n eil iad cho dona a nis. Tha mi ’faicinn nach robh an t-side cho tioram agaibh ann an Ceap Breatunn ’sa bha i againn ’san àite so fad Mhai us Iùn. Tha i nis air reir coltais ’dol a bhi fliuch ri àm an fheòir. ’S e chluinnear a nis aig moran, “O nach i sin an t-side tha fliuch!” Roimhe so cha chluinnte aca ach, “Nach i ’n t-side tha tiòram; b’ fhearr gu’n tigeadh an t-uisge.” Le bhi cluinntinn a’ ghearain a bhios air cuid a dhaoine air uairean ’s ann a shaoileas tu a bhios iad ’faotainn coire d’ an cruithfhear air son a dheiliginn riutha. Ach ’s math nach ann aig daoine tha riaghladh na side, oir na ’m b’ ann bhiodh an saoghal gu math neònach. Bhiodh am feur a frasadh air fearann an duine fhuair a chuid feòir a stigh tioram, agus a’ ghrian a’ dearrsadh le neart air fearann a choimhearsnaich aig a bheil a chuid fheòir a muigh fhathast. Tha biadh cruidh air reir coltais dol a bhi gu math gann aig cuid am bliadhna rithist, ach tha biadh duine gu math saor. Flùr cruithneachd air $3.50 am barailte. Bha am buntàta a creic air 15c. agus 25c. am poca fad na bliadhna, ach tha e beagan na’s daoire nis o’n tha e fàs gann. Tha mi faicinn gu bheil MAC-TALLA gu bhi air a mheudachadh gun dàil. Soirbheachadh math leis anns an àm ri teachd! Feuchaidh sinn ri Gailig a chumail ris an dràsd ’sa rithist mar a’s fhearr is urrainn duinn. B’ fhearr leam gu’n tòisicheadh tuilleadh air sgriobhadh uige. Cha ’n fhaic mi aon á Ontario a sgriobhadh ach mi féin, agus cha’n eil an onair a dhith ormsa air fad. Feuchadh cuid-eigin eile agus bi’dh mi fada ’na chomain. Bha moran tinneis anns an àite so bho’n thainig an samhradh, ach tha pàirt dhiubh a faotainn na’s fhearr. Tha mi smaoineachadh gu sguir mi a nis, oir tha gu leòr cho math ri féusd agus moran na’s fhearr. Bhur Caraid, IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, Ont., 10, 7, ’96. Amadan aig deich ar fhichead, amadan am feasd. An cliù a ghaibh duine ’na òige, is e a’s docha leantuinn ris. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, B. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. Siosal & Crowe. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. STOR UR TAILLEARACHD. ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. [TD 13] [Vol. 5. No. 3. p. 5] NAIDHEACHDAN Tha tigh mor ri bhi air a chur suas ann am baile Halifax air an t-samhradh so, agus cha’n eil clach ri bhi ann ach marbal. Tha ’m marbal ri bhi air a thoirt á Beinn a Mharbail, an Ceap Breatunn. Chaochail Caiptean Aonghas Mathanach aig a dhachaidh an Grand River air an t-seachdain s’a chaidh. Bu bhràthair e do Ioseph Mathanach, a tha ’na fhear-pàrlamaid do shiorrachd Richmond. Tha ban-phrionnsa Maud, nighean do Phrionnsa Wales, ri bhi air a pòsadh ri Téarlach, Prionnsa Lochlunn, Di-ciaduin s’a tighinn. Tha a Bhan-righ gu bhi aig a phòsadh, agus tha a’ chàraid òg dol troimh Lunnainn gus am faigh an sluagh air fad cothrom air fàilte chur orra. Tha moran de na muillean cotain ann am Fall River, Mass., air sgur a dh’ obair, agus tha ’n luchd-obrach uile ’nan tàmh. ’N am measg bha àireamh mhor de Fhrangaich á mor-roinn Chuibeic, agus tha iad sin uile air tilleadh dhachaidh dh’ an dùthaich fhéin. Tha an t-side air fàs anabarrach teth o chionn seachdain, agus iadsan a bha ’gearain gu mor air an fhuachd o chionn dha no tri sheachdainean, tha iad a nise cheart cho briathrach a’ gearain air a’ bhlàths. ’S duilich cuid a dhaoine ri ’n toileachadh. ’Nuair a bhios am fuachd ann ’s fhearr leotha ’m blàths, agus ’nuair a thig am blàths ’s fhearr leotha ’m fuachd. Tha an t-Easbuig Camaran, á Antigonish, an dràsd air chuairt ann an Ceap Breatunn. Bha e anns a Bhaigh ’n Ear deireadh na seachdain s’a chaidh, ann an Sidni Di-domhnaich ’s Di-luain, agus tha e uaithe sin ann an caochladh aitean an ceann a deas na siorrachd. Tha e ’dol tuath gu Ingonish ’s Ceap Nor toiseach na seachdain s’a tighinn, agus bi’dh e air ais ann an Sidni Tuath Dior-daoin. Chaidh fear Fionnladh Mac Suain a mharbhadh ann a mèinn a’ Reserve Di-sathairne s’a chaidh, le tòrr guail a tuit air ’se aig ’obair. Bha e marbh mus d’ fhuaireadh an gual a thoirt dheth. Dh’ fhàg e bean agus dithis chloinne. B’ àbhaist dha bhi ’fuireach air Caribou Marsh, ach bha e ’g obair anns a’ mhèinn o chionn àireamh bhliadhnaichean. Bha e ’na dhuine a bha gle mheasail am measg na bha eòlach air. Bha e mu thri fichead bliadhna dh’ aois. Tha coithional Amhuinn Dhennis us Mhalagawatch an deigh gairm a chur dh’ ionnsuidh an Urr. Iain Ròs, a tha ’n drásda suidhichte ann an cearna de dh’ Ontario, agus tha sinn a’ cluinntinn gu bheil e ’n deigh an gairm a ghabhail, agus nach fhada gus am bi e tighinn. Bha Maighstir Ròs àireamh bhliadhnaichean ann a’ Hogamah ach o chionn cheithir bliadhna chaidh e dh’ Ontario. Bidh a chàirdean uile toileach fhaicinn ann an Ceap Breatunn a rithist. Thaghail an soitheach-smuide Hope aig a’ bhaile air an t-seachdain so, air a turus gu Greenland le Lieutenant Peary a tha nise an t-siathamh uair a cur aghaidh air an àirde tuath. Ghabh an soitheach luchd guail a stigh aig New Campbellton, agus chuireadh moran bidh us nithean feumail eile air bòrd ann an Sidni. Tha dùil aca dhol cho fada tuath ri Bowdoin Bay. Tha àireamh mhor air bòrd, agus fuirichidh grunnan beag dhiubh an sid ’s an so air cladaichean na fuar-thir sin gus an till an soitheach ’s an toir i leatha dhachaidh iad. Bidh dùil aig an t-soitheach a bhi air ais an so mu dheireadh September. Am measg nithean iongantach eile a bhios aice tigh ’n dhaichaidh, bidh dreug (meteor) a thuit aig Cape York, agus a thomhaiseas da fhichead tunna. Chaidh tri mile giomach beò a chur a mull gu Columbia Bhreatunnach á Nova Scotia, o chionn ghoirid air son iad a bhi air an cur a dh’uisgeachan a’ Chuan Chiùin far am bheilear a smaoineachadh gu’n siolaich iad ’s gu fàs iad cho math ’s ged a b’i sin an dùthaich màdarra. Rainig iad an ceannuidhe gun dhochann sam bith a bhi air a dheanamh orra. Tha mèinnean òir Cholumbia Bhreatunnach a tarruing moran aire aig an àm so. Tha e coltach nach eileas ach a’ faotainn a mach am beairteis. Tha Mr. Pritchard á Lunnainn, duine tha gle sgileil air mèinnean, air feadh na dùthcha o chionn da mhios, agus ’si bharail-san gu bheil an t-òr anabarrach pailt, a cheart cho pailt, mur eil na ’s pailte na tha e ann an ceann a deas Africa. Chaochail an t-Urr. Padruig Domhnullach, ministeir Eaglais St. Andrew’s ann am Boston, Diluain s’a chaidh. Bha dùil aig am bail fhagail Dimàirt gu tigh’n air sgriob do Cheap Breatunn. Shearmonaich e tri uairean air la na Sàbaid, agus thatar a deanamh mach gu’n do ghreas sin a thinneas. ’S e tinneas a chridhe a thug a bhàs. Fhuair e àrach ann an Ceap Breatunn, faisg air Hogamah, far a bheil a’ chuid mhòr de chairdean a fuireach. Cha robh ann ach duin’ òg, agus a rèir coltaìs ann an deagh shlàinte. Iadsan a Phaigh. Cailean Domhnullach, Round Island. Tearlach Buchanan, Sidni Tuath, 50c Iain D. Mac Leoid, Gut-a-Deas, $3.00 An t-Urr. Calum MacLeoid, Baile-nan-Gall. Domhnull Mac Cuthais, Seana Bhridgeport. Domhnull Domhnullach, Gleanngarraidh. An t-Urr. Uilleam Grannd, Port Morien. Uilleam Patterson, Forks Shidni. Domhnull Mac Amhlaidh, Meinn Reserve. Ruairidh Moireastan, Whitney Pier. Bean Alasdair Mhic Rath, Sidni. E. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhennis. Raonull Domhnullach, Kempt Road. A. N. Mac Gillfhaollain, Dunbheagain, $3.00 Iain Mac Illembaoil, Loch Mhic Adhaimh. I. W. A. Mac Neacail, Oban. Iain C. Mac Neìll, Narrows Mhora, A. I. Mac Fhearghais, Caribou Marsh. Caitriona Nic Iomhair, Beinn an t-Sealgair. Iain Mac Odrum, Sidni. Niall Mac-a-Phearsain, Sidni. Seumas A. Mac Ille Mhaoil Eileanan Coille, E. P. I. A. D. Mac Leoid, Kinross, E. P. I. Iain R. Mac Leoid, Darlington, E. P. I. Donnacha Mac Leoid, Halifax, N.S. Iain Ros, (Clachair) Iron Rock, N.S. An t-Urr. A. Mac Gillebhràth, Lismore. N.S. Alasdair Domhnullach, Braigh na h-Aibhne Deas. Domhnull Mac Ille-ghlais, Stellarton, N.S. Eachunn Mac Fhionghain, Stellarton, N.S. Bean Iain ’Ic Gilleain, Eilean Phictou, N.S. Iain T. Smith, Quesnelle, B. C. I. W. Siosal, Douglas, Alaska. Bean Iain Dhughlaich, Mooreton, N. Dakota. Iain L. Brower, New York. Iain N. Peutan, Hamilton, Mont. Iain G. Mac Eachuinn, Woburn, Mass. Murchadh Mac-an-t-Saoir, Gaylord, Mont. I. S. Mac ’Ille-dhuibh, Pomona, Ont. Calum S. Mac Amhlaidh, Southampton, Ont. 50c Domhnull Mac Leoid, Southampton, Ont. 50c Niall Mac Leoid, Duneideann, Alba. Domhnull Mac Coinnich, Glascho, Alba. C. L. Domhnullach, Scéabost, Alba M. B. Mac Coinnich, Waipu, New Zealand. Murchadh Domhnullach, Alba, C.B. 25c A. R. Domhnullach, Barrachois, C.B. 25c D. S. Mac Fhionghain, Shunacadie, 25c Padruig Mac Raing, Mabou, 25c Domhnull Moireastan, Blue’s Mills, 45c G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 14] [Vol. 5. No. 3. p. 6] (Air a leantuinn o 3 taobh.) d’thainig eadar e fein agus na tuathanaich cheanalta a bha ’g àiteachadh an fhuinn aige. Cha sugradh mi-ghean agus droch-ghuidhe an duine bhochd. Cha ’n ’eil teagamh nach iomadh mallachd a ghuidheadh dha leo-san a chuireadh air imirich, gun fhios aca c’ ait an rachadh iad. Agus is iad na feidh, na gearain, agus na cearcan-fraoich bu choireach ri sin. Bu cho maith, tha mi an duil, le Sir Seumas urchur a losgadh air a chuid cloinne agus a losgadh le tuathanach air na h-eoin-ruadha, no air na coilich-dhubha, a bhiodh a’ milleadh nan adag, agus a’ saltairt air an arbhar fo ’n cosaibh. Bu chruaidh a bhi ga ’m faicinn mar sin a milleadh toradh na talmhainn, agus gun chridhe bhi aig neach ite a chur asda le fudar agus luaidh, no le innleachd sam bith eile. Cha ’n ’eil mi ga ’mheas ’n a pheacadh idir, a Mhurachaidh, urchair a ghabhail ma gheibhear i gun fhios; agus cha ruig duine a leas a bhi fo rugha-gruaidhe ged a bheireadh e crann á coille, bradan à sruth, no fiadh à fireach. Ach tha ’n t-am air teachd chum gu ’m biodh na nithe sin air an socrachadh le lagh na rioghachd. Tha uachdarana-fearainn mar dhaoine air bhainidh a thaobh na seilg. Tha iad caoin-shuarach, coma, ciod an diomhail a ni na creutairean sin air pòr an tuathanaich, agus a dh-aindeoin na ni iad de chall, cha mhaithear aon sgillin ruadh air a shon, air an la anns an togair na màil. MUR.—Chual mi gach lide a labhair thu, a’ Choinnich. Tha mi ag aontachadh leis gach ni a chuir thu an ceill, agus tha duilichinn orm gu ’m bheil Sir Seumas co fada, fada ’n a sholus fein, agus co dian an aghaidh soirbheachadh nan daoine ceanalta a rugadh agus a dh’ araicheadh air an fhearann aige. An aite sin, bu choir uaill a bhi air, air son muinntir co treun, cliuiteach, gaisgeach a bhi ’n a fhochair, agus ann an seadh a bhi leis fein. Is mor am milleadh agus am mi-shuaimhneas a tha ’n sealg sin a’ deanamh. Tha seann oran ag radh:— “Is aoibhneach an obair an t-séilg, Is mairg nach faigh comas air.” Ach cha meas na tuathanaich bhochda ’n a ni ro aoibhneach e, a bhi faicinn nan raon aca air am milleadh leis, an deigh gach cosdais a tha ’n an lorg. Cha ’n ’eil e furas do Shir Seumas seasamh an aghaidh nan nithe sin, oir tha ’n calldach mor agus dorranach,—agus cha lughaid e idir nach ruig a leas duil a bhi aige ri co’-fhulangas sam bith fhaotainn uatha-san a ta mu ’n cuairt da. Their iad:—“Tha chead aige—thoill e gu leir e—is maith an airidh gu ’m faigheadh e a cheannsachadh, oir cha d’ rinn e baigh ri ard no iosal air an oighreachd aige. Cha sugradh gaoir an duine bhochd.” COIN,—Is mise tha sgith dhe bhi cluinntinn seanachais de ’n ghne sin gach la tha mi ’g eirigh agus a’ gluasad, agus o bheul gach neach a dh’ fhosgaileas am bilean mu ’n chuis. Tha eagal mor orm gu’m bheil na nithe sin uile a’ cur bruaillein ann an ceann an ridire oir tha e ’g orduchadh gu ’m biodh sud agus so air a dheanamh gun fhios idir c’arson. Nach amaideach an obair so fein, a bhi ’cladhach tuill ann an aite far nach faigh e gu brath fiach na sgillin ruaidh air son a shaothaireach? MUR.—Cha ’n ’eil thu fad am mearachd, a Choinnich, agus cha mhinic a bha, ach fhad ’s a bhitheas tu ri sin cha bhi thu ri ni eile, agus cha ’n ’eil comas agad air. COIN.—Gle cheart, ach is fhad o ’n chual sinn gur “cruaidh a bhi ’breabadh an aghaidh nan dealg.” MUR.—Tha ughdarras againn gu ’m bheil sin ceart, ach an deigh sin, a Choinnich, tha thusa cosmhuil ris a’ ghiullan Ileach a bha ’breabadh agus a’ bualadh a bhroige ri creig, an uair a ghlaodh e gu ’m “bu mhiosa do ’n chreig na dhi.” Mar sin, tha do chuid bhrog-sa a’ bualadh nan dealg ’n an smuir, gun dochunn sam bith a dheanamh air do bhrog. COIN.—Tha mi ga d’ thuigsinn gu ro maith, ach cha ’n fhuras idir do dh-fhuil agus do fheoil pheacach giulan leis na nithibh sin. Tha e air innseadh dhuinn, gidheadh, gu ’m faigh foighidinn furtachd, agus air an aobhar sin, feumar foighidinn a ghnathachadh gu ’n fhios c’ uin a chuireas “cuibhil an fhortain” car dhi. MUR.—Is maith nach ’eil fios againn air na nithibh a ta chum teachd,oir n’ am biodh, cha bhiomaid sona re aoin la; tha iad gu glic’ agus gu trocaireach air an ceiltinn uainn. Ach tha ’n t-am agam-sa, a’ Choinnich, an gnothuch a thug air car so mi, a chur du ceill duit. COIN.—Ma ta, Mhurachaidh, cha ’n fhurast do Choinneach Ciobair mar dean e spairn chruaidh chum do thoil-sa a dheanamh a reir a chomais. Ach, a charaid, ciod a th’ air d’ aire? oir cha ’n ann gun ghnothuch a thainig thusa do ’n chearnadh-sa, gun fhios gun aire dhuinn. MUR.—Innsidh mi mo ghnothuch ann am beagan bhriathraibh, a Choinnich, agus ’s e so; tha duil aig Seonaid—a’ chaileag is sine againn—ri posadh; agus do bhrigh gur ì a’ cheud aon dhe ’n teaghlach a chaidh a mach air an doigh sin, tha sinn a’ cur romhainn beagan de na cairdibh a thoirt cuideachd, agus crioman beag bainnse a bhi againn; agus thubhairt a’ bhean agam nach biodh rath air a’ ghnothuch mar biodh Coinneach Ciobair, agus a dheagh-bhean, Seonaid maille ruinn. Dh’ fheudainn litir a chur ad ionnsaidh, agus dh’ fheudadh tusa an litir a dhiultadh; ach an aite sin thainig mi fein, oir air gnuis bheirear breith, agus cha ghabh mi diultadh, cha ’n ’eisd mi ri diultadh, agus cha bhi diultadh ’s a’ ghnothach idir. COIN.—Dean air do shocair, a charaid, dean air do shocair, agus na tig co ro chas orm. Guidheam ort, thoir cead smuaineachaidh agus labhairt dhomh. Sgeul an aigh! Seonaid og gu posadh! Tha i òg da-rireadh, coimh-aois Dhomhnuill againn ach aon tri laithean. Ach co tha i ’faotuinn? —a’ chaileag cheanalta agus, bu dual mathar di sin!—co tha i faotuinn? MUR.—Tha geadh dhuine, duine siobhalta, duine ionraic, agus duine cothromach, eadhon Seumas, aon mhac fir Ach-an-t-seilich. COIN.—Oganach ceanalta, tapaidh, tlachdmhor. Fhad ’s a chi suilean dhaoine, tuitidh Seonaid òg air a cosaibh an la sin, agus gu robh buaidh agus piseach a’ leantuinn nighean a h.athar agus a mathar, uile laithean a cuairt! Ach c’uin tha ’n la taitneach sin a’ tighinn, no am bheil e air a shonrachadh fathast? MUR.—Ud! Ud! ’s e tha—tri seachdain o maireach ’s e sin a’ cheud Dimairt de ’n ath-mhios; ach bithidh duil agam riutsa agus ri Seonaid air deireadh na seachdain roimhe sin, gun ath-sgeul, gu ’n leisgeul sam bith. COIN.—Ma bhios Seonaid agus mise ann an slainte, ged tha ’n uidh fada, cha diobair agus cha treig sinn ar deagh chairdean ’n am an solais agus am mor thoilinntinn. Ud, ud! cha treig; oir le falbh trath ni an t-each dubh an gnothuch air mu ’n tig an oidhche. Is mor an t-aobhar taingeileachd a ta aig fear agus aig bean-na-bainnse maraon, gu ’m bheil an athraichean beo, slan, fallain, oir “is lom tigh gun bhunait;” no mar thubhairt an t-oran: “Cha ’n ’eil tlachd sam bith mu ’n tigh, Cha ’n ’eil tlachd no sealbh; Gean no gaire cha bhi stigh, Is fhear-mo-thigh’ air falbh.” MUR.—Gu ma h-aighearach dhuit, a Choinnich! dh’ aithnich mi gu ’m bu bhard thu, agus a nis thug thu dearbhadh dhomh gu ’m bheil fonn, cail, agus ceol ’s a’ cheann sin. Feumaidh mi an ath-ghoirid an t-oran sin a chluinntinn o thus gu deis, agus a nis feuch gu ’m bi e air mheothair agad. COIN.—Ma tha sin chum toileachadh dhuit-se, a Mhurachaidh, ni mi mo dhichioll air an oran sin a ghabhail. MUR.—Buaidh leat! rach air d’ aghaidh, ma ta. COIN.— SEISD. Cha ’n ’eil tlachd sam bith mu ’n tigh, Cha ’n ’eil tlachd no sealbh; Gean no gàire cha bhi stigh, Is fear-mo-thigh’ air falbh. ’S am bheil làn chinnt gur fior an sgéul, Gu ’m bheil e fallain, slàn? Bhur cuibhle tilgibh uaibh gu grad; Cha ’n àm gu sniomh an t-snàth, Cha n ’eil tlachd, &c. An àm gu sniomh no obair so, I s Cailean dlùth air làimh? A nuas mo bhreacan, ’s théid do ’n phort, Gu ’fhaicinn tighinn gu tràigh. Greas, sguab dhomh taobh an teallaich glan, ’Phoit shomalta cuir air, A chòta Domhnach do dh-Iain beag, ’S a frogan sròil do Cheit. Am brog biodh dubh mar airneagaibh, An stocaidh bàn mar shneachd, Gach aon ni ’thoileachadh mo chiall, ’S e ’m faicinn briagh a thlachd. [TD 15] [Vol. 5. No. 3. p. 7] Tha dà chearc reamhar anns a’ chrò, A bhiadhadh mios a’s còrr; Grad-shniomh am nuineal ’s cur air doigh, Gu cùilm dha ’s blasda sògh. Is cuirnnich bòrd gu h-eireachdail, Le h-eilein a’s le dealbh, ’Chur furain failt’ air fear mo ghraidh, A bha cho fad air falbh. O, fair an so mo bhoineid dhomh, Mo rogha gùin de ’n t-siòd’; ’S do bhean a’ Bhàille ’n innis mi Mu Chailean ’thighinn gu tir? Mo bhrògan biorach cuiream orm, Mo stocnais fiamh-ghorm fann, A los gu ’n toilich fear mo ghaoil ’Sheas fio ’n a ghaol gun fheall. Gur binn a ghuth, gur min a ghloir, Mar àileadh ’anail caoin; Tha fuaim a’ chos ’s e tighinn a steach, Mar èun-cheol àit nan craobh. Gach fead-ghaoth fhuaraidh gheàmhradail, Mo chridhe taom a chraidh, Air séideadh seach’, ’s e tear’nt am ghlaic, ’S cha dealaich—ach am bàs. Ach ’d e chuir dealachadh am cheann? ’S maith dh’ fhéudt’ gur fad e ’n céin; An t-àm ri teachd cha ’n fhac aon neach, An t-àm tha làthair ’s leinn fein. Biodh Cailean slàn, ’s lan thoilicht’ mi, Cha n iarr mi ’n còrr gu brath; ’S ma bhios mi beò air son a leas, Gur sona mis’ thair chàch. An e gu ’n cluinn mi ’ghuth a rìs! Gu ’m faic mi ’ghnùis gun smal! ’S ann ’tha tuaineal inntinn orm, ’S mi ’n-impis dol a ghal. Cha ’n ’eil tlachd sam bith mu ’n tigh, Cha’n ’eil tlachd no sealbh, Gean no gaire cha bhi stigh, Is fear-mo-thigh’ air falbh. MUR.—Mile taing dhuit, a Choinnich, air son an orain thaitnich sin d’ an d’ rinn thu fior-cheartas ga ’sheinn. Is minic a chual mi ’s a’ Bheurla e, ach am bheil fios fo ’n ghrein co a dh’ eadar-theangaich air mhodh co grinn e? COIN.—Cha chual mi riamh ’s a’ Bheurla e, agus ged a chluinneadh, cha mhor a dheanainn-sa dheth; ach tha e anmoch a nis, a’ Mhurachaidh, rachamaid le beannachd an Ti a’s airde gu tamh, agus na bi mar chearc air groideil theth, ag eirigh ’s a’ mhadainn. Direach fuirich ad leabaidh gus an duisg mise thu. Fhir mo ruin, deagh chadal duit. Beannachd leat. MUR—(Anns a mhadainn)—Failte na maidne dhuit, a Choinnich! Ma dh’ eirich thu gu moch, cha d’ thainig thu gu moch ’n am char-sa. Tha e fada ’s an la. Mo nair orm fein! bu choir domh a bhi leth na slighe dhachaidh. COIN.—Cha bhiodh tu sin ged dh’ fhalbhadh tu an uair a thug thu do leabaidh ort, a’ Mhurachaidh chòir. Gabh an gnothuch air do shocair. “Cha ’n ann na h-uile la a bhios mod aig Mac an Toisich, “agus cha b’ fhearr gu ’m biodh. MUR.—Cha dean e an gnothuch idir, a Choinnich, oir bu choir domh a bhi dhachaidh air airde au fheasgair. Tha liubhairt agam ri ghabhail moch ’s a’ mhaduinn am maireach á deich fichead caora cheannaich mi air Feill-Chalamain, gu stoc a chur air aite nam molt air Beinn-a-Chlaiginn, agus feumaidh mi mo chasan a thoirt as. COIN.—Ciod nach dean fear an airgid, a Mhurachaidh? Ach cha ’n fhalbh cnaimh dhiot gus an teid thu ’mach a dh-fhaicinn a’ bheagain cruidh a bhuineas domh-sa. MUR.—Rachamaid, ma ta, dh’ ionnsaidh na buile a dh-fhaicinn a’ bheagain a th’agad, ma ’s fior thu. COIN—Beagan da-rireadh, an coimeas ris a’ moran a th’ agad-sa thall ’s a bhos; ach tha thu ag iomairt gu cruaidh chum do chuid a mheudachadh; agus is minic a chual sinn—“Cha chaill ’s a’ bhuinnig, am fear nach cuir a chuid an cunnard.” A nis, a Mhurachaidh, am bheil thu a’ faicinn na bà riabhaich ud? MUR.—Is mi a tha, agus is maith i. Cha tric a chithear a leithid. COIN.—Tha laogh ’n a cois; tha deagh bhainne aice; tha i cho soilidh ri uain; air a ceud laogh; agus cha ’n ’eil i na ceithir bliadhna a mach. Tha mi ga ’sonrachadh mar chuspair comain do bhean-na-bainnse—Seonaid og—agus bithidh i na toiseach piseach dhi, le mile beannachd o Choinneach Ciobair ’n a cois. MUR.—Tha chomain mò ’s mor; ach chi sinn, mar a thubhairt an dall; agus mu chairdeas Seonaid, cha ’n abair mi, ach a mhain— “gur mise ’bha thall ’s a chunnaic.” ALASDAIR RUADH. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. [TD 16] [Vol. 5. No. 3. p. 8] MARBHRANN. DO BHAILIDH EACHAINN, INBHIR-FEOTHARAN, MAC FEAR LEITIR-IUGH. AIR FONN—“’S mi ’m shuidhe ’m ’onar..” O’s truagh an sgeula tha ’n diugh ri fheutainn, Thug gal air ceudan a measg an t-sluaigh, Mu Eachainn gleusta ’bha fearail, feumail, Gun da ghlac an t-eug thu a threun-laoich cruaidh: ’S mor bron do Chinnidh, mar eoin na tuinne, Tha ’n cronan duilich ’s an ullaidh uath, ’S bho nach duisg an gair thu, ’s nach cluinn thu ’n gailich, Se chlaoidh do chairdean do bhàs cho luath. Tha do chairdean cianal, tha bron da’n lionadh, Tha ’n inntinn pianail bho ’n ghlac thu ’m bàs, ’S iad a ghnath fuidh thiorachd, ’s nach faigh iad sgial ort, Ach thu bhi iosal an ciste chlar. Bu tu ceann na riaghailt ’us lamh na fialachd, A sheoid gun fhiaradh, gun ghiomh, gun sgath, ’Sa nis bho ’n thriall thu, ’s sinn lan dha d’ iargan, S nach eil ’s na criochan fear a lionas d’ ait. Bha d’ aite miaghail ’s gach cas an iarrt’ thu, A reir mo sgiala bu teirc do luach: Bha thu pairteach, briathrach, ri ard ’s ri iosal, Gun chas gun dioghaltas air an tuath. Bha foghlum Iarl’ agad, ’s ciall fear riaghlaidh, Bu mhor an diobhail nach da liath do ghruag, ’S ann a bhàrc an t-aog ort mas d’ thainig aois ort, A ghnuis bha faoilteach air chaochladh snuaidh. Bha do shnuadh cho aillidh ’s nach fhaodainn s’ aireamh, Mar ròs a gharaidh ri maduinn dhriuchd, Bu chuachach, fàineach, do ghruag an càradh— Mar theudan clarsaich an’ inneal ciuil Do ghruaidh dhearg dhathte, do chuil mar dhearcag, Fuidh ghnuis na maise bu tapaidh sùrd Rasg aotram, geanach, bho ’m b’ fhaoilteach sealladh, Beul muirneach tairis, ’s deud thana dhluth. O! ’s dluth bha buaidhean a stri mu’n cuairt duit, Cha b’eol dhomh suairceas nach robh ’do chrè; Bha thu ciallach, narach, ’s tu briathrach, pairteach, ’S tu rianail, daimheil, ri d’ chairdean fhein: Bu tu firean, fallain, bha rioghail, geanach, ’Sa leoghann tapaidh bu ghlaine beus; Bhiodh mìn ’us gairg’ ort, bhiodh sith ’us fearg ort, Nuair chit’ air falbh thu bhiodh colg na d’ cheum. Se do cheum bu bhrisge, ’s bu shubailt d’ iosgaid, Bha moran ghibhtean ri d’ leasraidh fuaight. Bu tu glas nan Gaidheal, bho mhuir gu braighe, Gu crioch Chinntaile ’s na tha bho thuath. O! ’s lionmhor oigfhear tha ’n diugh gu bronach A fàsgadh dhorn, ’us ruith-dheoir le ghruaidh, ’Bhiodh dana, sgaiteach, gun sgath gun ghealtachd, Na ’m bu namhaid pears’ bheireadh Eachainn bh’uainn. Bha thu mor an onair, bu mhor do mholadh, Bu mhor do shonas, ’s tu gun dolaidh gibht’ Bu mhor a b’fhiach thu, bu mhor do riaghailt, Bu mhor do mhiagh ann an ciad s an tuigs’, Bu mhor do churam, bu mhor do chuisean, Bu mhor do chliu ann an cuirt ’sa meas, Bu mhor do stata, ’s bu mhor do nadur, ’S cha mhor nach d’ fhag thu na Gaidheil brist,’ O! ’s priseil, laidir, a ghibhte ’dh-fhag sinn— ’S mios ’da Ghaeltachd bàs an t-seoid, Tha Mhachair tursach bho n’ chaidh an uir ort, ’S tu dh-fhuasgladh cuis daig gach cuirt mu bhoid, Bha’ Ghalldachd deurach ri cainnt mu d’ dheighinn, Gu ruig Dun-eidin nan steud ’s nan cleoc, ’S cha ghabhainn gealtachd, air son a chantuinn, Gur call do Bhreatuinn nach eil thu beo. ’S tu chraobh a b’ aillidh bha ’n tus a gharaidh, ’S i ùr a fas ann fuidh bhlath ’s fuidh dhos, O! ’s truagh a dh-fhag thu ma thuath na Gaidheil Mar uain gun mhathair ni ’n sgath ri frois, ’S tu b’urr’ an tearnadh bho chunnart gabhaidh, ’S an curaidh laidir, chuireadh spairn na tost, Tha ’n tuath gu craiteach, ’s na h-uaislean càsail, ’S bho ’n chaidh am fad ort ’s truagh gair nam bochd. IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN. (Air a leantuinn.) Dh’ fhàg sinn Antigonish, agus ann an uine nach robh fada chaidh sinn seachad cùl Rudha Phorcupine a tha seasamh suas le sròin aird agus aghaidh air Ceap Breatuinn thall ma choinneamh air taobh eile chaoil. Tha Caol Chanso seachd mile deug a dh’ fhad agus eadar mile agus da mhile air leud, a riuth eadar Nuadh Albainn agus eilean Cheap Breatunn. Tha ’m bata-aiseig a’ feitheibh rinn aig Mulgrave aite-stad a charbaid air an taobh so; agus am beagan mhionaidean tha sinn air ar giulain tharais gu Rudha Thuppair taobh eile chaoil. Tha carbad Cheap Breatuinn ga’r gabhail a stigh ann sin agus a falbh leinn tre ghlinn ’us chòmhnardan an eilean bhoidheich sin. Mar tha sinn a’ dol air aghaidh tha an sealladh a’ dol nis maisiche. Gu sònruichte an nuair tha uisgeachan a’ Bhra’ d’ Oir a’ tigh’n am follais tha ’n sealladh neo-chumant’ aluinn. Neach air bith leis an aill Nàdur fhaicinn ann an iomadh caochladh dreach, garbh ’us min, ard us iosal, rachadh e cuairt do Cheap Breatuinn. Rainig sinn an drochaid mhor mun deach a’ ghrian fodha. Tha ’n drochaid so air a togail air áite cumhang far am beil an rathad-iaruinn a’ dol gu taobh eile an loch agus as a sin a dol air aghaidh gu Sydney. Dh’ fhàg mise an carbad an sin ’s ghabh mi ’n smuid-shaoitheach gu Baddeck. Bha ’n t-uisge a dòrtadh ’s a ghaoth a séideadh ’nar ’n aghaidh. Bha sinn rudeigin coltach ris an t-seòladair nuair thubhairt e, “Dol timchioll Rudha Mhic Iolain bha uisge mor’ us ceo ann, ‘sa Righ! bu fhliuch mo chota nuair thug i sròn do’n fhairge.” Bha sinn ni b’ fhaide air an t-slighe na b’ àbhaist. Bha ’n oidhche air dorchadh nuair rainig sinn Baddeck, ceann-bhaile siorrachd Victoria. Tha e so na bhaile boìdheach ’s tha e sior-fhàs. Tha e na aite-tuineachaidh aig moran de dh’ uaislean nan Staitean ré teas an t-samhraidh. Dlùth air a bhaile so tha “Beinn Bhriagha,” cnoc àrd naiseach, le uisge a Bra’ d’ Oir, ga chuartachadh air a thri taobhan,agus mullach corrach a “Chnuic Mhoir” ag éiridh suas air a chùl. Ann a so tha an Professor Bell a deanaibh a dhachaidh gach samhradh. Cha’n ionghrnadh leam sin; àite a b’ àillidhe bu duilich dha fhaotuinn thall no bhos. Tha ’n duine so iomraiteach anns gach àite dheth ’n t-saoghal do bhrigh gur e fhuair a mach an t-innleachd ùr ud an Telephone. Tha e cho bearteach ri Iùdhach, ach cho iriosal ri aon de shluagh chumanta an àite. ’S leis fhéin “Beinn Bhriagh” á grunnd, agus gu bhi nochdadh dhuibh gu bheil taobh aige ris a Ghàidhlig ’s e fhéin a thug an t-ainm Gaidhealach so air an àite. C. C. (Ri leantuinn.) An cleas a bha aig Niall, bha e riamh ris. Am facal a thig a i frinn, is e a gheibh ma’s e a bheir. An cliù a gheibh duine ’na òige, is e a’s docha leantuinn ris. MacDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co Mai 4. ’95; Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhea gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. [TD 17] [Vol. 5. No. 4. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE; IULAIDH 25, 1896. No. 4. A New Zealand. Tha mi tuigsinn gu bheil ur luchd-leughaidh a’ gabhail lachd anns na litrichean a tha mi ’cur ugaibh mu dhol a mach, agus mu nithean a thachair anns an dùthaich so. Bheir mi dhaibh air an àm so cunntas aithghearr mu’n acarsaid so, agus sgeulachd air Manai. Tha an acarsaid so gle mhath agus tearuinte bho na h-uile gaoth. Tha mu choig mile deug gu ceann an uisge, far am bheil baile Whangarei air a shuidheachadh. Tha uisge dombain ochd mile dhe’n astar: tha i mu thri mile leud, agus leth mhile leud anns a’ chaolas aig an rudha so. Tha tanalach mhin anns an acarsaid bho cheann gu ceann, moran dhi tioram ri muir-tràigh; leis an tanalaich so cha’n eil clais na h-acarsaid furasda cumail gun fear-treòrachaidh gleusda bhi air stiuir an t-soithich. Tha làn na mara ag éiridh mu naodh troighean, agus tha an struth a ruith gle bhras. Tha craobh do’n ainm mangrove a’ fas anns an uisge shaillte, anns an làthaich air tanalaichean aig bun aibhuichean agus shios an acarsaid, faodar bàta iomaradh troimhe aig muir-làn. Tha a chraobh so garbh, geugach, agus math airson connaidh. Tha i ’fas ann an dùthchannan tetha. Cha ’n eil an acarsard a’ dol a stigh direach; tha i ’gabhail fiaraidh ris an àirde tuath. Tha rithist slios mu dha mhile dheug gu ceann-tirc (Bream Head); tha so mu tri mile air leud bho bhagh-chinn air taobh na h-acarsaid dh’ ionnsuidh a’ chuain. Anns an astar so tha seachd ho ochd de chnuic, cuid diubh corr us mile troigh a dh’ airde, agus mu mhile dh’ astar gu’m mullach. Na cnuic so a thoirt direach air a chéile, tha iad colthach ri cinn, tha réisd an t-àite, tha iad colthach ri cinn, tha thà réisd an t-àite air ainmeachadh gu freagarrach “Whangari Heads.” Tha na beanntan àrda so nan sealladh neo-chumanta briagha. Tha talamh iseal eadar na cnuic so agus aig bun na beinne, far am bheil cuid de mhuinntir a thainig á St. Anns fuireach air an cuid fearainn. Tha ceann-tire, Bream Head, a dh’ ainmicheadh mar tha, mu dha cheud deug troigh a dh’ àirde, ag èiridh suas direach as a’ chuan, gu garbh, creagach. Air a mhullach tha da chreig faisg air a chéile colthach ri da chaisteal àrd. Tha so ’na chomharra cinnteach do fhear na mara. An cnoc a’s ainmeile dhiubh gu léir, ’se sin beinn Mhanai; tha e mu shia mile bho Bream Head, agus cho àrd ris an rudha so; tha bheinn mu mhile air fad, le coille mhoir agus creagan bho bonn gu mullach. Tha ’n toiseach cnoc àrd ag éiridh air taobh eile chaolais, a rithist Manai a togail a cheann air cùl sin ’s e coig ceud deug troigh a dh’ àirde, Air mullach na boinne tha coig stùcan mu thri fichead troigh a dh’ àirde ’s iad ann an sreath faisg air a cheile. Tha dha dhiubh caol, àrd, coltach ri dha de mheòirean na làimhe air an cumail beagan o chéile; tha ’m fear a’s mo dhiu air oisean àrd na beinne, creag chas direach sios gu bun. Air a chreig so tha aghaidh duine gu h-iomlan bho mhullach a chinn, bathais, sròn, sùilean, beul agus smigead, le gnùis a Mhaorie air. ’S e so Manai, ’s feumar ainmeachadh, oir tha sgeulachd Manai, air a togail air. Bha e air aithris gu robh e ’na cheannard mor, comasach le cumhachd mor thairis air na h-uile. Tha na stùcan eile ’seasamh airson a bhean ’sa chuid cloinne. Bha sgalag aige cuideachd. Aon uair bha Manai air falbh ag iasgach, agus nuair a thill e dhachaidh, thòisich iadach air le deagh aobhar. Ghabh e greim air an sgalaig agus thilg e sios e faisg air bun na beinne, far am bheil e ’n diugh ’na charraig mhòir àird ri taobh na beinne. Bha so na rabhadh dhaibhsan a bhiodh mi-bheusach. Tha clach air a chladach faisg air; b’e so an cù; agus clach mhor leathann eile; b’e so am bord-bidh aige. Faisg air bun ha beinne bha lahnhrig air a togail gu suasail, cladach gainmhich air gach taobh dhi. Tha i mu dha cheud troigh a dh’ fhad, mu shia troidhean a leud, agus cho direach ri saighead. Tha na clachan air an leagail air an tarsuinn agus, cho doigheil ’sa chàradh clachair iad. Tha slochd air a dheanamh air an laimbrig bho cheann gu ceann le bhi coiseachd oirre, no rud bu choltaiche bhi bleth nan tuaghan-cloiche oirre. A reir na sgeulachd b’e so laimhrig a thog Manai air son a cur tarsuinn air caolas, no beul, na h acarfaid dh’ ionnsuidh an rudha so, gus a marmhdean a chumail a mach. Ach an obair a dheanadh esan air an latha bha a naimhdean ’g a chur as a cheile air an oidhche. Tha e ri fhaicinn nach robh an laimhruig air a criochnachadh, agus tha na clachan air an sgapadh mar tha ’n sgeul ag innse. Tha i air a h-aithris air iomadh dòigh, ach ’se so a brigh, agus tha na Maories ’ga làn chreidsinh. Ach ’s ann a tha ‘n t-ioghnadh so air a chruthachadh, ceart mar a tha “Cabhsair mam Fiann” ann an ceann a tuath Eirinn. Bha aon uair Maorie og innse na sgeulachd do mhinistir, a dh’ éisd ris gu foighidneach gus an robh e deas. An sin thuirt e ris nach b’ urrainn nach b’e na breugan a bh’ ann. Las so corruich a Mhaorie. “Tha mise ’g radh riut nach e na breugan a th’ ann idir; agus a bharrachd air a sin, ’si ’n iomhaigh so a’s fhearr na ’n iomhaigh mu’m bheil thusa ’g innse dhuinn (a ciallachadh bean Lot.) Tha ’n iomhaigh so againne air a deanamh de chlaich (Manai) stuth buan maireannach. Bidh feadhainn gu tric a streap na beinne, ’sa dol gu mullach Manai. Bha buidheann de chuideachd òg shuas uair, na pàisdean agam fhéin còmhla riu, agus dhanns iad ruidhl’ ochdnar air mullach Manai, a tha mu shia troighean deug a leud. Chaidh ministeir còir uair suas còmhla ri caraid measail aig a bheil àite-còmhnuidh aig bun na beinne, fear Seumas MacLeòid. Bha Seumas lan àbhachais, agus thug e comhairle air a charaid urramach e dh’ fhuireach shuas, gun fhios am faigheadh e cho àrd am feasda tuilleadh! IAIN ROTHACH, Rudhu Mharsden, 2, 6, ’96. Sean Fhacail. An deoch nach gabhar an àm an tunnaidh, slàn leatha. An fheadag màthair fhaoiltich fhuair, Marbhaidh i caoraich is uain, An gearran gearr, Ni e farran nach fearr, Cuiridh e a’ bho anns an toll, ’S an tig an tonn thar a ceann. An leabadh a ni duine dha fhein, ’s ann innte ’s fheudar dha laidhe. Abair Mac-an-Aba gun do chab a dhùnadh. An lamh a bheir, is i a gheibh. Am fear nach ionnsaichear ris a’ ghlùin, cha ’n ionnsaichear ris an uilinn. An leann a ni duine dh’ a dheòin, òlaidh e leòr a dh’ aindeoin deth. [TD 18] [Vol. 5. No. 4. p. 2] SILIS NIC-COINNICH. SEAN SGEUL GHAIDHEALACH. (Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.) IV. AN uair a chunnaic fear de na seirbhisich d’ am b’ ainm Aonghas Saor, cho dian-bhriathrach agus cho dannarra ’s a bha Oighrig ’n a beachd fein agus nach cumteadh ’n a tosd i aon chuid le impidh no le bagradh, chaidh e agus dh innis e do ’n Mhoraire gach ni a bha i ’cur as leth nan uaislean, agus ars’ esan, “Mur cuirear stad oirre gu h-ealamh, bheir i masladh air a’ chinne gu leir.” Dh’ eisd am Moraire, gun bhi a reir coslais air a ghluasad gu ro mhor leis gach ni a bha air ’innseadh dha le Aonghas; thug e taing dha air son a dhillseachd; ach thug e breth air a shon fein; bu mhath dha na ’n d’ rinn e mar sin roimh laimh. Ach aig an am ud cha bu chomasach dha bhi caoin-shuarach mu ni sam bith a theirteadh no a shaoilteadh mu bhas a Shilis. Mar sin, cho luath ’s a bha an dinneir thairis, chuir e fios gu Oighrig Nic Coinnich gu ’m feumadh i tighinn an lathair nan seachd uaislean de ’n fhine a’ bha ’n an suidhe leis mu ’n bhord air an fheasgair ud. Ann an tiota, bha Oighrig suas an staidhir, agus ’n a seasamh gun athadh, gun ghriobhaig air beulthaobh nan uaislean. “So agaibh,” arsa Eidirdeil, ri ’chairdean, “baobh chrosda de shearbhanta, aig an robh comhdhaltas ri m’ cheile uasail nach maireann; agus d’ an robh mor speis aice. Tha e air ’innseadh dhomh gu ’m bheil i a’ sgaoileadh a mach a leithid de chasaidean tuaileasach ann ur n-aghaidhse agus ann am aghaidh fhein a thaobh bas na ban-mhoraire, agus gu ’m feumar a toirt gu cunntas air a shon gun tuilleadh dalach. Oighrig, thig ni’s dluithe; seas air mo bheulthaobh, agus seall direach ann am aodann. Ciod e so an tuaileas mallaichte, droch-mheineach a tha thu a’ sgaoileadh cho dalma agus cho bathaiseach am measg nan seirbhiseach?” “Cha d’ thubhairt agus cha do sgaoil mi dad ris nach seas mi ann ur lathairse agus an lathair ur cairdean; cha ’n e sin a mhain, ach ri aghaidh an dearbh dhuine sin a tha gu sonruichte ciontach ann ur measg uile.” “Oighrig, cha ’n urrainn thusa ni sam bith a dhearbhadh, mar fhirinn, air nach robh thu fein ann ad shuil-fhianuis.” “An e nach urrainn?—Tha fios agam air barrachd na ’shaoileas sibh. Tha moran air ’fhoillseachadh dhomh, nach faca mi riamh le m’ shuilean. Tha sibhse a’ saoilsinn nach ’eil fhios agam co a thilg mo bhain-tighearna, iomhuinn thar na drochaid. Dh’ fhaodadh sibh fein, mo thighearna, a bhi lan dearbhte mu ’n chuis, mur do dhi-chuimhnich sibh gach innleachd a bha air an deilbh ’n a h-aghaidh o àm gu àm. Ach ma tha sibhse air ur dalladh cho mor, mar is i mo bharail gu ’m bheil, innsidh mise dhubh mar thachair. Is ann le lamhan na dithis sin a tha ’n an suidhe aig ur laimh dheis agus chli, a thilgeadh leis an t-sruth ur ceile uasal, ionmhuinn, ach gu sonruichte les an t-seann abharsair sin, Carnach, a bha o cheann bhliadhnachan a’ sior dheilbh innleachdan cuilbheartach gu cur as d’ ur Silis uasail, ionghradhaich; agus a thug gu buil iad aig a’ cheann mu dheireadh, le fath a ghabhail air a’ bhreislich a thainig oirre fo uamhas na tuil a bha ’ruith fo ’n drochaid-mhaide. Agus cha’n esan a mhain tha ciontach de ’n ghniomh mhortail; bha e air a chuideachadh le mac a brathar—Barr-a-mhuilinn, an lasgaire uasal sin a tha air bhall-chrith fa m’ chomhair, agus ’n a shuidhe gu statail ri ’r guallainn. Faodaidh iad am fiaclan a chasadh rium. Is mise tha coma. Tha deagh fhios agamsa ciod e bu mhathair aobhair d’ am feall-chomhairlean ifrinneil. Cha do thuig sibhse fhathast a’ chrioch shoniruchte a bha aca ’s amharc. Air son crioch shuarach, fheineil, mhort iad bain-tighearna neochiontach, cho glan, cho uasal, cho ionmhuinn agus cho teo-chridheach ’s a tharruing riamh anail na beatha. Ah! gu dearbh, gu dearbh! cha ’ri ioghnadh leam am faicinn a’ clisgeadh ann am lathair agus na deoir a’ sileadh o an suilean an-iochdmhor. Tha sar-fhios aca gur h-i an fhirinn a tha mise ag innseadh dhuibh, agus is e an di-bheatha gu bhi cnamh an cir oirre.” “Ciod e so tha mi ’faicinn? C’ arson a tha thu a caoineadh, a mhic bhrathar-mi’ athar?” arsa am Moraire ri Carnach. “Mar is aithne do gach neach de m’ luchd-eolais,” arsa Carnach, “bha mi riamh o m’ oige, forfhaiseach mu nithibh sonruichte a dh’ fhaodadh a bhi ’s an dàn dhomh anns an fhreasdal, agus o chionn bhliadhnachan, bha roimh-bharail agam gu ’n tugteadh a’ bhan-mhoraire air falbh uainn le bàs obann agus tubaisteach; agus mar tha beatha aon neach gu tric an crochadh ri beatha neach eile, bha e air m’ inntinn gu ’m biodh a bàs air doigh eigin ’n a aobhar air mo bhás fein a thoirt mu ’n cuairt. Ach ged bha mi ach beag lan dearbhta uime, chaidh e ri h-uine as mo chuimhne, gus an d’ thug a’ ghaorsach dhalma, bheag-narach so, le a tuaileas mì-runach gu m’ chuimhne e as ur; agus a nis, tha mi lan-chinnteach gu ’n toir a’ bhiasd shuarach dhroch-mheineach so gu buil e. O, mo thighearna agus mo cheann-feadhna ionmhuinn, an leig thu a leithid so de ladarnas as gun pheanas?” “Cha teid an ciontach as gun pheanas,” arsa Eidirdeil, “ach leanaidh peanas air sail dearbhaidh. Cho fad ’s a theid m’ fhocal agus mo riaghladhsa cha ditear neach, co air bith e, as eugais dearbhaidh.—A nis, Oighrig, tha iad uile an so, a bha ’n an suil-fhianuisean air bàs na ban-mhoraire. Tha fhios againn nach faca tusa cia mar a thachair e.” “Ann e nach faca mise le m’ shuilean fein e?” arsa Oighrig “Thugadh na mortairean an aire dha. An saoil sibhse gu ’m b’ urrainn mise mo bhan-mhaighistir uasal, mo bhan-charaid chaomhail, a leigeadh thar na h-aibhne ann an cuideachd nan con-luirge sin, gun sealltainn as a deigh? Tha sar-fhios aca-san gu ’m bheil mi ag innseadh na firinn, agus dearbhaidh mi orra e. Thugadh iad an aire d’ an amhaichean,” ars’ ise, agus i a’ tarruing a meoir mu ’n cuairt a muineil fhein. Chiteadh gu soilleir air gnuis a’ mhoraire, gu ’n robh e air a chur thuige le uamhunn agus le iongantas le bhi ’cluinntinn a chairdean air an casaid mar so ’n an lathair fein;agus cha ’n ’eil e mi-choltach gu ’n do thoisich e aig an am ud ri tomhas eigin de amharus altrum a thaobh an cionta agus an dubailteachd; ach dh’ eirich Carnach suas ann am braise feirge, tharruing e a chlaidheamh, agus, ars, ars’ esan ris a’ mhoraire, “Cha ’n fheudar a leithid so de chasaid a ghiulan, agus cha ghiulainear leatha ni ’s mo. Cha ’n fhaod a’ bhiasd dho-bheartach so o bhi beo ni ’s faide,” “Air d’ athais, Fhir Charnaich!” arsa Oighrig, le a dorn bheag, gheal togta suas ri ’aodann. “Cha ’n fhaod mi basachadh an nochd, aill ar ’n aill leat e. Tha fios agam gu ’r h-e sin a riaraicheadh do chridhe an-iochdmhorsa, mar is math is aithne dhuit do chunnart cho fad ’s is beo mi; ach coidlidh mise an nochd far nach ruig do ghairdein brùideilse orm, agus far an bi comh-chaidreamh agam rithese a bha air a tilgeadh sios leis an dearbh ghairdein sin agadsa. Thugaibh deagh aire do na tha mi ag innseadh dhuibh. Na gabhaibh m’ fhocalsa a mhain air cionta nan uaislean so,” arsa Oighrig, agus i a tionndadh ris a’ mhoraire; “mur tig fiannis á duthaich eile a dh-ionnsaidh a’ Chaisteil, an taobh a stigh de thri laithean, a lan-dhearbhas dhuibhse cionta nan daoine so, ceadaichidh mise dhuibh mo chorp a ghearradh ’n a bhloighdean, agus m’ fheoil a thilgeadh am mach a dh-ionnsaidh nam feannagan agus nan iolairean. Cha bhàsaich mise an nochd, Fhir Charnaich, is eiginn gu ’m mair mi beo gus an toir mi lan dearbhadh do’n mhoraire air ur ciontasa. A mhortairean, mar tha sibh ann, tha dearbh chinnt agaibhse gur h-i an fhirinn a tha mi ag innseadh. Fhir Charnaich, bhruadair mi gu ’m faca mi do chorpsa ’n a ablach reubta aig bonn a’ chaisteil, agus tha fhios agam gu ’n tachair e. Ach, O, tha mi an dochas gu ’n crochar thu an toiseach! Oidhche mhath leat; ach cuimhnich, nach basaich mise an nochd—bidh mi beo ge b’ oil leat e.” “Ciod a tha an dubh-chaile mhallaichte so a’ ciallachadh?” arsa na h-uaislean, agus iad a’ sealltainn an aodannaibh a cheile. “Ceadaichidh i dhuinn a corp a reubadh ’n a bhloighdean mur tig fianuis gu’r diteadh á duthaich eile; agus gu ’m bi comhchaidreamh aice an nochd ris a’ bhan mhoraire nach maireann. Ciod a tha a’ bhuidseach ifrinneil a’ ciallachadh?” “Tha e do-thuigsinn dhomsa,” arsa Eidirdeil, “ciod a tha i a’ ciallachadh; ach tha mi a’ lan-thuigsinn nadur na casaid a thog i ’n [TD 19] [Vol. 5. No. 4. p. 3] ur n-aghaidhse. Agus bu shona ’bhitninn an nochd na ’m bithinn saor o amharus gu ’m faod i bhi fior. Coma co dhiu, tha e furasda gu leoir dhuinn feitheamh gu ceann nan tri laithean, gus am faic sinn an tig no nach tig an fhianuis dhiomhair ud mu ’n d’ thug i sanas dhuinn. Agus mur tig, an deigh sin, bheir sinn a’ ghaorsach gu breitheanas.” “Faodaidh i dol as oirnn mu’n tig an t-am sin,” arsa Carnach. “Thuig mi air a cainnt gu ’m bheil e ’n a run sin a dheanamh air an oidhche so fhein. Is e ’bu choir dhuinn a’ bhiasd a ghlacadh air’ a mhionaid so. Is i mo chomhairle-se mate, gu ’n ceanglar a casan agus a lamhan, no gu ’n teid a glasadh a stigh anns an toll-dhubh gun tuilleadh seamsain. Gaibhaidh mi fein orm a bhi am fhear-coimhid a’ phriosain.” “Cha ruigear a leas aon chuid a ceangal no a priosanachanh,” arsa Eidirdeil. “Theid mise an urras oirre, gu ’n cuirear ’n ur lathair i, beo no marbh, aig ceann nan tri laithean.” (Ri leantuinn.) LACHANN NA GAIDHLIG. (Oban Times, Iun 7) Bha latha mòr aca ann an Glaschu air Di-sathuirne so chaidh ’nuair a bha Comunn Chloinn Ghilleathain agus an cairdean a’ togail carragh-cuimhne do ’n Ghaidheal ainmeil nach maireann, Lachann MacGilleathain á Eilean Chola, a choisinn le dhìlseachd d’ a chànain an t-ainm “Lachann na Gàidhlig.” Tha am fear nach maireann ’na shineadh fo ’n fhòid anns a’ chladh mhor ris an abrar ‘Baile-nam-marbh’ air taobh deas Baile Ghlaschu. Ghabh Comunn Chloinn Ghilleathain as laimh an cirragh-cuimhne a thogail agus air m’ fhacal cha d’ rinn iad leth-obair dheth, oir chuir iad air an uaigh crois ghrinn de ghrinneal glas—leth-bhreac na té a tha ’na seasamh ann an Eillean I. Tha aintu agus cliù Lachlainn air a ghearradh oirre gu snasmhor agus na litrichean air an lionadh le h-òr. ’Nuair a bha sinn uile cruinn aig an uaigh labhair Prothaist Ghobhan—Niall MacGilleathain, Gaidheal smiorail á Cola—mar so:— A Luchd-cinnidh agus a luchd duthcha—Tha sinn air tional an so an diugh anns an aite sholuimte so, far nach ’eil cabhag no comh-strì, far a bheil na h-uile trioblaid air sgur, agur far a bheil a chuideachd mhor mu ’n cuairt oirnn air sgur de ’n obair agus a’ gabhail fois bho ’n saothair gus an téid an gairm air an latha mhòr. ’Se mo bheachd nach ’eil cuid againn ’nar coigrich anns an àite so, agus gur tric a bha sinn an so a’ siteadh dheoir, a’ caoidh na dh’ fhalbh. Ach an diugh cha d’ thàinig sinn a bhròn ach a chur urraim air fear-cinnidh agus fear-dùthcha a bha ainmeil ’na latha ’s ’na linn. Ged a dh’ fhaodas e bhith gu bheil sinn car fada ann a bhi car an ceill ann an doigh fhollaisich ar spéis do ’n ghaisgeach so, ’se mo bheachd gu bheil iadsan a ghabh an gnothuch às laimh air deanamh a suas air son na mairnealachd so, leis an dòigh eireachdail agus shnasmhor anns am bheil iad a nis a’ feuchainn ri cliu agus euchdan an fhir nach maireann a chumail air chuimhne. Nach tric a thachair e, a chairdean, nach ’eil an speis a bhuineas do dhaoine air a thoirt dhaibh ’nau latha fèin. Is tric gur ann an dèigh do dhuine math an saoghal so fhàgail a tha meas air féin ’s air a bhuadhan. Bha Lachlann MacGilleathain ’na fhior Ghaidheal, ’na Bhàrd, na sgoilear ’na Chriosdaidh agus ’na làn dhuine. Cha’n urrainn duine air bith na leabhraichean a sgriobh e a leughadh gun a bhi faicinn gu’n robh e làn de ghaol-dùthcha agus tha e ’na ghnothuch taitneach dhuine a bhuineas do dh’ Eilean Chola a thuigsinn gur ann as an eilien bheag bhòidheach sin, as an d’ thàinig iomadh duine measail, a thàinig Lachann MacGilleathain, agus gu’n do bhuidhinn e àite ann an litricheas nan Gaidheal nach urrainn moran ruigsinn air. Cha robh esan coltach ri moran eile a thig, ’s a thainig, do ’n bhaile so—aig nach ’eil smaoin ri sheachnadh do ni fo’n ghréin ach a bhì trusadh airgid agus a bhi carnadh beartais, gun urrad agus aon oidhearp a dheanamh a leasachadh cor an luchd-dùthcha anns a’ bhaile mhor. ’S ann a tha e iongantach cia mar a fhuair an duine math so uine agus cothrom air uiread a sgriobhadh ’nuair a bha e frithealadh air obair shuidhichte fein mar mharsanta. Cha’n ’eil teagamh na’n do shuidhich e inntinn gu buileach air beartas a dheanamh gu’n do shoirbhich leis ach na’n d’ rinn e sin cha bhitheamaid a so an diugh a cur a chliù an ceill. Faodaidh sinn a bhi cinnteach gu’n robh Lachlann MacGilleathain air a chradh gu mor ann a bhi faicinn a luchd-duthcha air an cur as an fhearann, agus cha do sheachain an t-olc sin Eilean Chola far an deachaidh moran foirneart a dheanamh air ar càirdean. Ged is i a’ Ghailig a bu deise ’s a bu taitniche le Lachunn bha eòlas aige air cànainean eile a bharrachd air Beurla agus Gàidhlig. ’Sann da fhein a thigeadh Gàidhlig a sgriobhadh mar a leig e ris anns an “Teachdaire Gaelach,” “Cuairtear nan Gleann” agus leabhraichean eile. B’e an leabhar a rinn ainmeal e “Adhamh agus Eubh” anns a bheil e a’ deanamh a dhichioll a dhearbhadh gur i Ghaidhlig a labhair a chàraid so ann an Garadh Eden. Bha e deidheil air an òigridh a theagasg agus mar so sgriobh e “Maighstir nam Modhannan,” Cha b’ urrainn e bhith nach faigheadh duine de ’n t-seorsa so eòlas air an Ollamh MacLeoid—Caraid nan Gàidheal. Bha e fein agus an t-Ollamh MacLeoid mar na n-oghachan a’ cathachadh gualainn ri gualainn air son math nan Gaidheal anns a bhaile so. Cha’n ’eil teagamh nach iomadh gille agus nighean òg a threoraich na daoine so air slighe thearainte. Tha mise ’ga ghabhail ’na urram mor a bhi ann an so an diugh a chuir fa ’r comhar an carragh-cuimhne eireachdail a thog Cloinn Ghilleathain mar chuimhneachan air am fear-cinnidh ainmeal. Tha an carragh-cuimhne da rireadh finealte, grinn. Tha a’ Chrois an comhnuidh a’ samhlachadh air gràdh Dhe agus air gradh dùthcha. Leugh am Prothaist an sin an sgriobhadh air a’ Charragh-chuimhne mar a leanas:— MAR CHUIMHNEACHAN AIR LACHANN MAC GILLEATHAIN A EILEAN CHOLA, UGHDAR “ADHAMH AGUS EUBH, NO CRAOBH SHEANACUAIS NAN GAEL,” AGUS LEABHRAICHEAN EILE, GAIDHEAL CEANALTA AIG AN ROBH MOR SPEIS D’A DHUTHAICH AGUS D’A CHANAIN. 1798—1848 THIS MACLEAN CROSS HAS BEEN ERECTED BY THE CLAN MACLEAN ASSOCIATION, 1896. Labhair Donnacha Mac’Illebhain facal no dha. Thuirt e gu’m fac’ e Lachunn na Gailig uair no dha, agus leugh e cuid d’a leabhraichean agus bha beachd ard aige air mar dhuine agus mar Ghàidheal. Bha e gle thaingeil a leithid do charragh-cuimhne fhaicinn air uaigh an duine chòir. Chaidh iarraidh air “Fionn” facal a radh agus thuirt e gu’n robh iad an deigh crìoch a chuir air a charragh-chuimhne le urram—carragh a bha fìnealta mar a bha nadur an fhir a bha fo’n lic agus a bhitheadh buan-mhaireann mar a chliù. Bha iad uile fada ann an comain a phrothaist air son an doigh shnasmhor anns an do labhair e. Chaidh an dà rann a leanas aithris aig an uaigh. ’S e bàrd as an Eilean Mhuileach a sgriobh iad. Cha chum carragh cuimhn’ air daoine, ’S cha dean dubh air aodach bron; ’S mòr a’s buain’ na t’ainm air lic, An t-ainm ’thig tric o bhilean beò. Mar ainm a’ Cholaich, am fìor Ghaidheal, A sheas ar cànain aosda, An aghaidh diumb, is tnn, is sgeig, Is e ach beag ’n aonar. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhibition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dull aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas: Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. [TD 20] [Vol. 5. No. 4. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, IULAIDH 25, 1896. IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN. (Air a leantuinn.) Mar a thuirt mi, bha ’n oidhche fliuch dorcha ’nuair a ràinig sinn Baddeck. Fhuair mi cuireadh fialaidh bho m’ charaid, an t-Urr. Mr. Dughallach ’s bho a cheile chaoimhneil, an oidhche chur seachad maille riu fhéin. Ach bha a rùn air a dhol astar cheither mile eile mu ’n gathamaid mu thàmh. Bha gille òg gasda le each ’us carbad a’ feitheamn gus ar toirt gu Ceann-a-Chobh. Bha mi uair ’s b’ eòl ach air an t-sligh ud mi. ’S lionbhor lorg mo choise eadar Baddeck ’us Ceann-a-Chobh. ’S coma leatsa gu dé bha ’ga mo thoirt ann cho tric. Coma co dhiu, dorcha ’s mar a bha e, dh’ fhalbh sinn. Cha robh moran againn ri radh ach bha intinn gach aon againn luaineach gu leòr. S iomadh rud a thig an inntinn an neach a thu muigh air oidhche dhorcha. ’S e so an rathad air am faca Domhnull Mac Aoidh am bòcan. ’S docha nach misde leat cluinntinn uair eagin mu bhòchdan Dhomhnuill. ’S maith a dh’ fheudta gu’n innis mi ’n sgeula dhuit aig àm eile mu bhitheas cuimhne agam air. Chuir sinn na bha romhainn de ’n oidhche seachad maile ri ar cairdean ann an Ceann-a-Chobh. Chaidh mi suas do Cheann a Chòbha Far an robh mi roimhe eòlach, ’S bha mi ’g ionndrainn dhaoine còire, ’S rinn mi sòlas ris na dh’ fhàgadh. ’Nuair ràinig sinn tigh Mhic Amhlaidh, far an d’ fhuair sinn biadh ’us blàs ’us caoimhneas ’s cuid na h-oidhche mar a b’ àbhaist, co bha romhainn ’s e air seilbh a ghaobhail air mo rùm ’s air mo leabaidh, ach gu ’m b’ e Iain Mac Coinnich a Inlet. “Coinnichidh na daoine ’s cha choinnich na cnuic.” Dh’ éirich Anna ’s rinn i biodh dhuinn. Bha ’n tigh uile air a bhonn. Cha robh moran tàbh dhuinn an oidhche sin. Chaidh mo ghill-ecarbaid air ais, a h-uile sgriob, ro ghlasadh an latha. An lath’r-na-mhàireach bha gille òg eile le each ’s le ’charbad aig làimh gu ar toirt air ar n-aghart cho fada ri Baile-nan-Gall. Ràinig sinn an baile beag bòidheach sin, le cala Shaint Ann’s air a bheulthaobh agus a bheinn àrd air a chùl, mu thrath nòin. Bha posta a Chladaich-a-Tuath a’ faireach ruinn ann sin ’s e cho cabhagach ’s gur gann a dh’ fheud mi fuireach ris an dinneir mhath a dh’ ullaich mo bhana-charaid, bean Aonghais Mhic Ritchi dhoth, itheadh. Cha robh an nise dhith airn nach an t-aiseag fhaoteinn, ’s cha do chuir sin éis oirnn, bha Torcul ann a fonn gasda ’s cha robh e fada ’gar cur air tir air taobh eile an uisge. Chaidh na h-uile ni leinn gu soirbheasach a chuid eile de ’n t-slighe. Rainig sinn ar ceann-uidhe mu àrd-fheasgar. Chainnich sinn ris na e àirdean a bha sinn an dùil fhaicinn, cuid dhiu nach faca sinn bho chionn àireamh bhliadhnachan. ’Nuair thàlnig bràithrean ’us peathraichean maile ri màthair ’us dluth chàirdean eile ann an còmhradh aon a chéile is iomadh ni mu’n robh aca ri labhairt. An darra aon a cur an cuimhne an aoin eile nithean a ghabh àìte ann am bliadhnaibh na h-aimsir céin’ nuair bha iad uile cruinn mu ’n aon tealach agus na h-atharraiehean a ghabh àite bho ’n am ud, ceud diu taitneach agus cuid eile a dùsgaah mulaid. Anns a chleachdadh so cha robh seachduinn fada ’dol seachd. Ach ’se deireadh gach comuinu dealachadh. C. C. (Ri leantuinn.) LITIR A LUNNAIN. FHIR-DHEASACHAIDH,—’So agaibh ordugh airson £3 13s. 9d. mar phàigheadh airson a MHAC-TALLA fad bliadhna eile. Aig deireadh na litreach so gheibh sibh na h-ainme an a dh’ ionnsaidh an cuir sibh e. Tha neach no dithis de mo chàirdean a tha ’gabhail a phaipeir, nach fhaca mi o chionn ghoirid agus mar sin o nach d’ fhuair mi an t-airgead-bliadhna, ach cha ’n eil teagamh agam nach lean iad air cumail suas a phaipeir agus faodaidh sùil a bhi agaibh ri an cuid airgid gu h-athghearr. Bha coinneamh mhor bhliadhnail nan Cimreach, ris an abair iad an “Eisteddfod,” air a cumail air an t-seachdain so, agus tha mi ’tuigsinn nach robh i dad air deireadh air dheireadh air na bliadhnachan a chaidh seachad. Bha aon ni a thachair air an do ghabh mi beachd shònraichte. Chuir na daoine-uaisle a tha air ceann an Eisteddfod rompa gu meudaicheadh iad an duais a th’ air a thoirt do’n fhear a choisneas am priomh àite am measg nam bàrd, dh’ fheuchainn am faigheadh iad mar so bardachd ni b’ fhearr na chleachd iad; ach an àite sin ’s ann a bha an t-oran a thug a mach an duais am bliadhna ni bu mhiosa, co-dhiu cha robh e dad ni b’ fhearr. Tha mi an dochas gu’n leig so ris do na daoine-uaisle so cho faoin ’s a tha e dhaibh a bhi smuaineachadh gu’n dean neach sam bith fior bhàrdachd airson airgid. Far am bi spiorad na fior bhardachd cha’n fheum e duais mhor gu a bhreugadh, ’s ann nach urrainnear a chumail sàmhach. So aon de na nithe luachmhor nach ceanhaice airgead no òr. Tha mòd nan Gaidheal Albannach gu bhi am baile Pheairt am bliadhna. Cumair e ann am mios deireannach an fhoghair. CABAR-FEIDH. Lunnain, 4, 7, ’96. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c, Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. Am bheil thu gabhail Mhic-Talla? MU EIL Cuir ’ga iarraidh $1.00 sa bhliadhna. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. [TD 21] [Vol. 5. No. 4. p. 5] NAIDHEACHDAN Chaidh Breac a thomhas sia puinnd a’s aon unnsa deug a ghlacadh ann a Loch Ainslie o chionn ghoirid. Tha iad ag radh gur e so am breac as mo a fhuaireadh riamh ’san loch sin. Chuir iasgair ann am Prescott, N, S., crioch air fhéin air an t-seachdain s’a chaidh le clach mhor a cheangal mu amhaich ’s leum as a’ bhata. Bha e air a dhol as a rian leis an deoch. Chaochail boirionnach, ann an Ottawa an la roimhe, agus da’ fhàg i a cuid an t-saoghal aig nighinn a bha fuireach còmhla rithe, air chumha gu’m pòsadh i an taobh a stigh de cheithir uairean fichead. Mu’n do ruith an ùine bha an nighean air pòsadh. Tha cuid de na tuathanaich air tòiseachadh air an fhiar. Tha am fiar an deigh fàs anabarrach math a dheanamh, agus ma gheobhar turadh math aìr son a chur a stigh, bidh barrachd dheth ’s an dùthaich ’sa bha innte o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha teas mor anns na Stàiteanair an t-samhradh so, agus tha iadsan d’ an urrainn a dol do’n duthaich a tha tuath orra far am faigh iad fionnarachd. Tha moran dhiubh a’ cur seachad àm an teas ann an Nobha Scotia, an Eilean a’ Phrionnsa, agus an Ceap Breatunn. Chaidh duin’ og do’n an ainm Ioseph C. Dodge, a mharbhadh leis a charbad iaruinn aig Middleton, Di-haoine sa chaidh. Dh’ fheuch e ri leum air bord mu’n do stad an carbad, ach thuit e agus chaidh na cuidhlean seachad air a gearradh a chinn deth, agus a milleadh a chuirp gu h-eagallach. Tha e coltach gu’m bi bàr mor air a thogail am Manitoba air a bhliadhna so, Tha an cruineachd fo dheis agus a coimhead eireachdail. Mur tig dad ’san rathad, cha bhi am bàr cruineachd dad air deireadh air bàr na bliadhna ’n uirridh. Tha iad a deanamh gu’m bi cor is fichead muillein buiseal air a thogail. Tha Dr, J. R. Mac Gilleain, a tha toirt ’aire gu h-iomlan do thinneasan na sùla, na cluaise, ’s na h-amhach, ri bhi ann an Ceap Breatunn gu ceann àireamh sheachdainean. Bi’dh e ann an Sidni gu Di-satharna, a cheud latha de Ogust, an Glace Bay o’n treas gus an deicheamh latha, agus an deigh sin tha dùil aige dhol gu Ingonish, far am bi e fad da sheachdain. Tha daolag a bhuntata a togail a cinn gu h-olc o chionn beagan ùine. Roimhe so bha na tuathanaich an dùil gu robh iad ga bhi gu math cuibhteas na biastagan grànda air an t-samhradh so; cha robh ri fhaicinn ach corra thé air bàrran a bhuntàta. Ach o chionn beagan lathaichean tha iad air tigh’n air mar gun sileadh iad as na speurau, ’s tha eagal oirnn gu’m bi a bhuil air a’ bhuntàta. Chaidh fear Philios Gaudet, Frangach a mhuinntir Misconche, E. P. I., a mharbhadh leis an dealanach oidhche sheachdain gus an Di-dònaich s’a chaidh. Chuir e cheann a mach air an uinneig a dh’ fhaicinnn an robh ’n stoirm seachad, agus bhuail an dealanach e, ’ga mharbhadh air ball. Bha e da fhichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean us aon duine deug cloinne, Chaidh aon soitheach-iasgaich a mach á Gloucester o chionn ghoirid, agus an deigh dhi bhi mach ceithir latha, thill i agus mu fhiach ceithir mile dolair de rionnach aice air a ghlacadh. Rinn gach aon de na h-iasgairean ceud us coig dolair, agus rinn an sgiobair, aig a’ bheil pàirt dhe’n t-soitheach ’na ainm féin, gle fhaisg air mile dolair. Buinidh an sgiobair, do’n ainm Iain Mac Pharlain, do Cheap Breatunn. Bha Mr. Iain A. Mac Amhlaidh, a tha ’na fhear-gnothuich do’n chuideachd a tha ’deanamh Carter’s Ink,” anns a bhaile air an t-seachdain so, agus dh’ fhàg e botull no dha dhi againn air son a feuchainn. Thatar eòlach gu leòr air Inc Charter anns an dùthaich so, agus tha fhios aig na h-uile gur i inc cho math ’sa tha ’sa mhargadh. Tha sinn toilichte fhaicinn gu bheil Mr. Mac Amhlaidh, a fhuair àrach anns a bhaile so, a faotainn air adhart cho math. Chaidh murt graineil a dheanamh air bòrd soithich a thainig a stigh do Halifax an la roimhe. Thainig i stigh ’s a bratach an crochadh ri meadhon a chroinn agus i giulan tri curip ann a m bàta as a deigh. Bha an triuir, an captean, a bhean agus meat, air am murt gu brurdeil leis a cheud mheat. Bha na curip air an gearradh ’s air am milleadh gu h-eagallach. Chaidh an gniomh oillteil a dheanamh air 14mh la dhe’n mhios so, agus bha an soitheach mu sheachd ceud mile á Halifax aig an am air a turus do cheann a deas America. Bhuineadh an soitheach do na Staitean. Chaidh triùir dhaoine bhuineadh do’n t-soitheach-iasgaich, Cordova, á Gloucester, a thogail á bàta air an t-seachdain s’a chaidh faisg air Newfoundland. Chaidh iad á sealladh an t-soithich ’s iad a tràlladh, agus bha iad air chall fad sheachd latha. ’Nuair a fhuaireadh iad, bha iad gu bhi marbh leis an sgios ’s leis an sgios ’s leis an acras, agus mur biodh soitheach-smuide air tigh’n nan rathad, cha bhiodh iad beò ach ùine gle ghoirid. Cha’n urrainn gu bheil sgiobairean nan soithichean cho faiceallach ’s bu chòir dhaibh a bhi air beatha nan daoine th’air an cùram, neo cha bhiodh na h-urad air an call gach bliadhna. Bha ceithir soithichean-cogaidh Breatunnach air acair aig Sidni air an t-seachdain so, am Buzzard, an Tartar, an Intrepid, agus an Crescent, soitheach an Admiral. Thainig am Buzzard a stigh Di-satharna, agus Dh’ fhalbh i feasgar Di-ciaduin; thainig cách a stigh Di-luain agus dh’ fhalbh iad Dior-daoin. ’Se thug a stigh iad uile cùirt a bha gu bhi aca mu fhear a theich bhar té dhe na soithichean ’s a ghoid suim airgeid. ’N uair a theich e thug e na Staitean air, ach an deigh sin thug e e-fhein suas. Bha a’ chùirt air air a cumail air bòrd soitheach an Admiral Di-ciaduin, fhuaireadh an duine cointach, agus tugadh tri bliadhna priosain dha. Tha Comunn Stumachd [I. O. G. T. Lodge) air bòrd a dha dhe na soithichean Bretunnach a bha ’sa chala air an t-seachdain so. Bha coinneamh no dha aca comhla ris an loidse dhe’n t-seòrsa cheudna tha ’n Sidni, agus rinn iad an ùine bha iad cuideachd a chur seachad glé chridheil. Tha cead aig na ‘loidsichean mara’ so, mar theinar riutha, an coinneamhan a chumail an àite sam bith an urrainn daibh, air muir no air tir, ach ’s ann air tir a’s trice leotha bhi cruinn. Bidh coinneamhan aca ’n sid ’san so, ann a’ Halifax, an Cuibeic, am Montreal an St. John’s, an Sidni, no am Bermuda, a reir an àite ’s am bi iad. Tha e gle dhuilich do neach a bhi stuama air bòrd soithich-cogaidh ’nuair a tha deoch làidir air a thoirt dhaibh o latha gu latha mar bhiadh eile. BAS. Aig Brook Village, C. B., air an 19mh, la de Iun. Chaochail Ceit, bean Dhomh’ll Chaimbeil, agus nighean do Nial Mac Illeathain, an t-Eildear. Bha i aireamh bhliadhnachan na ball do’n Eaglais, agus gu mor air a meas leis gach neach a bha eolach oirre. Dh’ fhàg i, a thuilleadh air a fear—posda, aon leanamh, parantan piuthar braithrean, agus maran chairdean gu bhi ga caoidh. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 22] [Vol. 5. No. 4. p. 6] SEANN SGEULACHDAN NA GAIDHEALTACHD. Tha moran de na seann sgeulachdan so na’m mineachadh air nithe nadurra, a’s cuid diubh air an toirt mar reuson air son coslais agus dealbh na duthcha. Tha na sgeulachdan so cho ceangailte ris na h-ainmean aig aitean a’s gu ’m bheil e neo-chomasach an t-ainm a thuigsinn gun eolas a bhi aig neach air an sgeul. Tha a sgeul fein am bitheantas aig gach cnoc, aig gach gleann, agus aig gach staca. Tha ar luchd leughaidh uile eolach air an doigh anns an deachaidh call na luinge Spainntich a chumail air chuimhne, ann an sgeulachdan nan Gaidheal. Tha an sgeul sin air ’innseadh cho snasmhor leis an Ollamh MacLeoid, a’s gu’m bheil mi beachdaidh nach ann aon a bha e air a leughadh leis gach Gaidheal. Tha an sgeul so a’ leigeil ris an rathad anns am bheil, aig moran de na h-ursgeulan faoin a bha air innseadh an an uair a chruinnicheadh muinntir air cheilidh, an steidh ann am firinn. So agaibh sgeul a bha air a lan chreidsinn am measg nan seann daoine. Tha loch aillidh ann an aon de eileanan na Gaidhealtachd. O’n loch so tha sruthan a’ ruith a chum na mara; a’s ged nach ’eil eas no bacadh air bith ’s an rathad tha e air aithris nach ’eil bradan ri ’fhaotainn air an t-sruthan sin. A nis cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil so fior; a’s ma tha e fior, feumaidh gu ’m bheil aobhar eigin ann an Nadur air a shon; ach so agaibh an t-aobhar a thug na seann sgeulachdan seachad a thaobh na cuise. Bha, latha araidh, duine ag iasgach air an t-sruthan sin. Thug e uine fhada air iomairt na slaite a’s air siapadh na cuileige, ach iasg cha d’ thug plub, agus ceann cha do ghlac e. Mu dheireadh thainig seann duine coir far an robh an t-iasgair. Bha an duine comharraichte air son maldachd a ghnuise agus suaircea ’aogais. Co bha ’s an fhear-thurais ach Calum-cille, a bha aig an am air chuairt anns na cearnaibh sin a’ searmonachadh an t-soisgeil. Chuir e failte le modh duin’-uasail air an iasgair. An deigh dhuibh a bhi greis a’ seanchas, dh’iarr Calum-cille air an iasgair a’ chiad bheathach a ghlacadh e. Gheall an t-iasgair sin a dheanamh. Cha bu luaith’ a thug e an gealladh na ghlac e bradan ciatach. An uair a chunnaic e cho eireachdail ’s a bha an t-iasg a thug e air tir, ghabh e aithreachas d’ an ghealladh a thug e do ’n choigreach, a’s thuirt e ris, “Glaidhidh mi am fear so, a’s gheobh thu an ath aon a ghlacas mi.” “Bitheadh e mar sinn,” arsa Càlum, a’s ann am priobadh na sul’ bha bradan moran na bu mhomha na ’chiad fhear aige air ghiuran. A rithisd thug sglamhaireachd agus sannt air a ghealladh a bhristeadh; “Bheir mi dhuit,” ars esan, “an ath iasg a gheobh mi.” “Bitheadh e mar sinn,” arsa Calum. Ann an uine ghearr bha bradan nar-gheal, fada na bu mhomha agus na b’ fhearr na ’n dithis eile, aige air a dhubhan. Thug e gu tir e, agus fhuair sannt a’ bhuaidh an treas uair air an iasgair; agus a rithisd dh’ fhailnich e ’n a fhacal. Las corruich Chaluim; mhallaich e an t-uisge, agus o’n latha sin gus a so cha deachaidh bradan a thoirt gu tir air bruaich uaine an t-sruthain so. Tha e soilleir do gach aon nach ’eil an sgeul so fior, ach gidheadh, tha e n a dhoigh bhardail air ni nadurra a chumail air chuimhne, a’s tha e aig a’ cheart am a’ thirt seachad leasan moralta ro mhath; tha e ’leigeil ris cho graineil ’s a tha ceilg ann an gnothuichean, a’ foillseachadh cho taireil ’s a tha sglamhaireachd agus sannt, agus a’ teagasg gu ’m pill ceilg, breugan, carachd agus lubachd shnagach le dioghaltas dubailte air cinn na dream a chieachdas iad. Cha ’n ’eil teagamh agam nach teagaisgeadh sgeul d’ an t-seorsa so do shluagh aineolach na b’ fhearr na ma dh’ fhaoite iomadh searmoin, cho feumail ’s a tha e an fhirinn a labhairt aig gach am, a’s gach gealladh a bheirear seachad a choimhlionadh. UILLEAM MAC DHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH. Tha e iomadh uair air a radh gu ’n deach àm agus linn na bardachd seachad a chaoidh. ’Si a’ bharail a tha coitchionn ri tachairt oirre, nach eil a nis, iad idir ann, is urrain clarsach nam Filidh a threig a dhusgadh gu ceòl—gu’m feud ranntachd a bhi ann ach nach eil fior bhardachd ri amas oirre am measg luchd-seinn ar latha-ne. Cha n-eil a’ bharail so gu buileach ceart; oir ged nach eil an t-am so cho torrach ann an luchd dealbh nan oran is a bha linn Phrionnsa Tearlach, gidheadh tha an dràsd agus a’ rithisd aon ag eiridh an so agus an sud a dhearbhadh gu’m bheil fuigheal de Spiorad nam Bard fathasd beo ’nar measg, nach do threig ceolrach bhinn tir nan treun ’us na Gaidhlig gu tur luchd duthcha Oisein is Dhonnchaidh Bhain. A’ measg na muinntir a tha dearbhadh so dhuinn is airidh Uilleam MacDhunleibhe air àite urramach fhaotuinn. Oir tha an obair aige a’ dearbhadh dhuinn gu’n do thuit tonnaig aon de na Filidhean a dh’ fhalbh airsan, is gu’n robh fior Spiorad na Bardachd aige. Tha ’obair airidh air aite onorach fhaotuin ’am measg Bardachd na Gaidhealtachd agus mairidh i air chuimhne cho fada sa bhitheas meas air Gaidhlig fhallan agus shnasmhor, agus air smuaintean àrda agus oirdhearc. Rugadh Uilleam MacDhunleibhe ann an Gairtmeadhoin, ann an sgiorachd Chill-a-rudha ’an Ile, mu mheadhon Foghar na bliadhna 1808. Tha e air ainmeachadh ann an leabhair na sgiorachd gu’n deach a bhaisteadh air 15mh de mhios meadhonach an Fhoghair; is o’n a bha e’ na chleachdadh cumanta anns a’ Ghaidhealtachd aig an am sin gach leanabh bhaisteadh mu’n rachadh an t-ochdamh latha seachad, is docah gu’n d’ rugadh easan mu’n t-seachdamh latha de’n mhios. B’e Seumas MacDhunleibhe a b’ ainm d’a athair, agus Cairistìne Nic Faidein a bu mhathair dha. Bha ’athair ’na shaor is ag obair aig an uasal urramach sin, Ualter Caimbeul, Tighearna Ile. Ge’d a bha teaghlach mor aige thug e sgoil is oilean math do gach aon diu. B’e Uilleam, a reir innse fein a bu lugha fhuair de sgoil dhiu—a chionn is gu’n robh e na bhallachan guanach aotrom nach fanadh anns an sgoil, is nach d’ thugadh aire dhi ’nuair a bhitheadh e innte. Air an aobhar sin chaidh a chuir òg ri ceard. B’i a ’cheard a roghnachadh air a shon, an taillearachd. Bha e anns an àm sin ’na chleachdadh aig na taillearan a bhi ’dol o thaigh gu taigh, a dh’ obair anns gach àite anns am biodh aodach ri dheanamh. Is iomadh naidheachd a bu ghnath leis a’ Bhard innseadh mu na cleasan a’s fhealadhà a bu ghnàth a bhi air an cleachdadh ’s na cuideachdan aotrom ud a b’ abhaist coinneachadh far am biodh an taillear ’sa chuid ghillean ag obair. Bhitheadh beurais a’s bearradaireachd, ranntachd a’s bardachd, ursgeulan a’s toimhseachain a dol ann am pailteas a’s cha bhiodh facal Uilleim air deireadh; a’s cha b’i a theanga a bu mhaoile. Ged nach b’e so an sgoil a b’ fhearr gu balachan og a theagasg aon chuid ann am beusalachd no ann an gliocas, tharruing am Bard og cuid de theagaisg uaith. Bha ’inntinn air a geurachadh trid nan deasbaireachdan a bhitheadh aca, agus dhuisg na sgeulachdan a bha air an innseadh iartus ’na anam gu tuillidh fiosrachaidh fhaotuin mu na linntean a dh’fhalbh, is mu na daoine treun a sheas agus a chathaich as leth an duthcha. Gu moch thoisich e air rannan a chur ri cheile—se a chiad oidheirp a thug e ann an rathad bardachd oran a rinn e do cnù a bha aige, a’s ged nach robh e ach óg aig an am, tha e a’ foillseachadh gu ’n robh spiorad na fileachd aige. Tha na rannan so a’ toiseachadh air an doigh so:— “Brannan beag mo chuilean boidheach Tha thu laghach baigheil suairc, Cha bhi thu tabhann ri daoine, No ’cur nan caorach anns an ruaig,” &c. Ged nach eil na rannan so idir a’ foillseachadh air dhoigh air bith cumhachd nam buadhan ud a bha nan cadal ann an anam a’ Bhaird, tha iad nan dearbhadh air firinn an t-sean radh, Poeta nascitur non fit,’ se sin, nach dean oilean, ach gibhtean naduir a mhàin, Bard do neach. Goirid an deigh so chuir e ri cheile aoir air muc a chaidh air chall is mu dheighinn an d’ rinn an neach d’am buineadh i othail mhor a’ smaointeach gu ’n deach a goid. Cha n-eil an aoir so a nis ri a faotuinn agus is mor am beud oir bha i a’ foillseachadh tapadh-inntinn nach bu bheag. Is iomadh uair a dh’ iarradh air a sgriobhadh ach cha robh toil aige, bha e ag radh, ainm daoine coire air an robh e an am fealadha a deanamh fochaid, a bhi air an cur ’san doigh sin an lathair an t-saoghail, is air an aobhar sin dhiult e a sgr obhadh. An deigh dha a bhi reidh ’sa cheard dh’ fhag e ealain duthcha a’s thainig e gu [TD 23] [Vol. 5. No. 4. p. 7] Galltachd, ach ma dh’ fhag cha do dhichuimhnich e na chual e mu na sean laoich a dh’ fhalbh, is chuir e roimhe tuilleadh foghluim fhaotain de thaobh eachdraidh a dhuthcha. Is ged a bha aige ri obair gach latha, rùnaich e gu’n deanadh e suas an dearmad a rinn e air sgoil ann an laithean òige. Thoisich e air leughadh gach sean eachdraidh air am b’ urrain dha a laimh a chur. Ach cha b’fhada gus am faca e ma bha e ri sean Fhordun is a cho-luchd eachdraidh a thuigsin gu ceart gu’m feumadh e eolas fhaighinn air a’ chanain anns an do sgriobh iad. Le duinealas fior Ghaidheal thug e ’aghaidh air an Laidinn, is ged theagamh, nach còrdadh an rathad anns an leughadh e i ri ard sgoilearan, rinn e e-fein cho eòlach oirre is gun rachadh aige air Laidionn nan linntean dorcha eadar theangachadh ni b’ fhearr na iomadh aon a bu mhotha cothruman agus sgoil. Theagaisg se e-fein mar an ceudna anns an Eabhradh agus anns a Ghreugais cho fada is gu’n rachadh aige air a rathad a dheanamh a chum brigh nan sgriobtaran anns na canainean anns an deach an sgriobhadh air thus. Thug e aghaidh mar an ceudna air an Fhraingis agus air an Uàilsh. Tha cuimhne agam uair a thaghail mi air, e fein agus a bhean “a chearcadh fhraoich” mar theireadh e fein rithe, fhaotuin le cheile ag obair air eachdraidh nan Druidhean eadar theangachadh o Fhraingis gu Beurla. Bha e mar an ceudna mion eolach air eachdraidh a dhuthcha; gu sonruichte air obair nan seann luchd-eachdraidh agus be a mhiann a bhi a ghnath a’ labhairt air euchdan buadh mhor “nan sean Albanach airidh.” Ach thachair dha mar is tric a dh’eireas do mhuinntir aig am bheil cruadalan agus deuchainean mar an crannchur, agus do mhuinntir a thionndaidheas an aire gu h-iomlan a chum aon chuspair souruichte, gu’n robh e neo chomasach dha amharc air da thaobh ceisde le suil neo-chlaon—air an aobhar sin bha gaol-duthcha annsan air a mheasgadh le fuath ro-ghamhlasach an aghaidh na muinntir a bha anns na linntin a dh’ fhalbh na’n maimhdean dì. R. I. OISEIN: A LINN AGUS A BHARDACHD. Faodaidh cairdean agus eascairdeah an treun-bhaird Oisein an aidmheil so a thogail le cheile, gam bheil a radh fein araon firinneach agus freagarrach: “Sgeul ri aithris air am aois; Gniomharan laithean nam bliadhnachan a dh’ aom.” “Ah Seallama, ah Taura no’n Tighmori, Cha-n ’eil slige no oran no clrasach; Tha iad uile nan tulaichean uaine, ’S an clachan nan cluainibh fein; Cha’n fhaic aineal o’n lear no o’h fhasach A h-aon diu ’s a bharr ro neul.” Cha’n ’eil ni’s mo oighean nan rosg mall aig Morni a’ bualadh clarsaich no togail dain. Tha clarsach gun teud ’am Morbheinn: cha’n ’eil guth no ceol an Cona: thuit araon an triath ’s am bard, ’s cha’n ’eil cliu ’san aird ni’s mo. Cha’n ’eil lann a’ bualadh beumsgeithe. Tha Fionnghal nan iomadh beus ’us buaidh ann an stri nan lann, ’us Oisein, bard milis caomh nam fonn, ’us Oscar gaisgeach mòr meamnach ard nam feart, maille ri treun-laoich na Feinne a thog oran ’s a laimhsich claidheamh anns na laithean a bha ’s a dh’ aom,—tha iad uile, ’nan cainnt fein, nan ciar thalla a’ sealg feidh dhoilleir nan niall. Mharcaidh iad uile ann an laithean nam bliadhnachan a dh’fhalbh, air iomall an sgiathan le greadhnachas gu clann nam Fionn, ’Am Morbheinn cluiteach nan sruth gaireach ’s nan aonaichean neulach sprochd ach, cha’n ’eil le siol nan sarghaiegeach sgiath leathan g’ a sgaoileadh, no claidheamh geal g’ a tharruing; ni’s mo cha chrathar caaosnach agus cha seinnear dan catha baoisge le laoich ard dhuineil aiginneach Fhionnghail mhoir nan sleagh, ’nuair a bhitheadh gach suil aia lainn ’us tuar ’righ ard nam beum ’s nam beusan mòr. Cha robh na linntean tearc anns an robh bardachd na Feinne—nan-orain chaomha chiuin a b’ abhaist do mhile bard air mile clarsaich agus cruit chiul a sheinn ann an talla fhial mac Chaomhail, air an giulan a nuas le beul aithris o ghinealach gu ginealach, gus fadheoidh an d’eirich buidheann de dhaoine foghluimte suairce, aig an robh mòr-mheas air na dain d’ am bu nòs aighear agus sunnd a dhusgadh le ’m fuaim thiamhaidh ann an luchairtean nam Morbheinn, an trath a bhitheadh an -t-slige ’dol mun cuairt, agus solàs ’us tlusalachd air am faireachduinn am bròn ’s ’an tuireadh dian na sithe. Mun rannsuich sinn na doighean trid an robh dain Oisein air an gleidheadh air chuimhne rè uine co fada agus co dorcha; ’us mun gabh sinn beachd air an am agus air a’ mhodh a bha iad fadheoidh air an cruinneachadh le Seumas Mac a’ Phearsainn agus Gaidheil threun-inntinneach theo-chridheach agus ealanta eile, bithidh è iomchuidh dhuinn pilltinn air ’ur n’ ais, agus feuchainn, le comhnadh nan sgoilearan a rinn feum co maith de na gathannan faoin a tha ’n s agus a rithist a dearsadh anns an dorchadas, an dean sinn a mach suidheachadh nan Gaidheal bha tuineachadh ann an Albainn ann an ceud linntean a’ chreidimh Chriosduidh. Tha’n comhdhunadh bunaiteach agus soilleir a dh’ ionn suidh am bheil daoine teachd mu thiomchioll ceud-shuidheachadh nan Gaidheal ann an iomadh cearna iomallach de’n Roinn Eorpa. Ghluaìs iad gu moch air falbh bho’n aird an ear far an robh air tùs an cinne daoine uile’ tuineachdh. Sgaoil iad gu deifireach thairis air comhnardan reamhar, thorrach na Mor-Roinn, a’ fagail ’an sud agus ’an so—ann an ainm duthcha agus ann an cleachduinn aosmhor iongantach, cuimhneachan do na fineachan lionmhor a thainig ’nan deigh. Cha’n ’eil e furasda aig an àm so, an deigh do linntean co dorcha an cuairt a ruith, ceumannan nan Gaidheal ’nan ceud thuruis a lorgachadh. Thuinich iad anns an duthaich a tha ’nis air a-h-aiteachadh leis na Frangaich, agus thainig iad le beagan dragh thairis do Bhreatuinn. Dh’ imich iad re uine mu thuath, agus ann an eileanan cnocach lionmhor, ann an glinn ’s an srathan fhasgach uaigneach Albainn, fhuair na Gaidheil agus an canain fhoghainteach-fardach, agus daighneach a choisinn doibh tearuinteachd ’us seasmhachd ’us soirbheachadh, an feadh a bha aghaidh nan duthchannan mun cuairt air a-h-atharrachadh ’s air a millidh gu minic le feachdan garg nan Romanach, nan Lochlinnich agus nam fineachan neo-chneasda alluidh aig an robh an ionad comhnuidh fein am measg fuachd ’us reotha na-h-airde Tuath. CONA. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. [TD 24] [Vol. 5. No. 4. p. 8] Rannan air Note Punnd Sasunnach. LE IAIN CAIMBEUL NA LEIDAIG. A bha am paipean salach, saraichde a fhuaradh ann am Malairt o sheann bhean aig an robh ainm Airgiod a bhi agus a bha ’g a àicheadh, Tha thusa sin a phrabag ragach Ribeach, robach, phrabach thruagh; Meadhon sraichde, aodan salach, ’S blàth na dosgainn air do ghruaidh. Fhreagair ise. “O cha ’n ioghnadh mi bhi prabach, ’S iomadh car a chaidh mi luaidh, ’S iomadh aon a dh’ fhág mi sona, Is sùil ’bha air mo dheéigh truagh.” Thubhairt mise. “Suidh a sìos is ìnns’ do naidheachd Is na greas ro ealamh nam; Bheir mi fein dhuit àit’ ’s am fan thu, ’S fasgadh tighe a bhios buan.” Fhreagair ise. “O cha ’n fheud mi fuireach agad, ’S allaban fo m’ chois is ruaig; Cha luaithe a tha mi ann am baile Na tha mi le cabhaig uaith.” ’N tìm a b’ fhaid’ a fhuair mi dh’ anail B’ ann aig cailleach Eachain Ruaidh; Shnuim i mi am mogan stocaidh ’N seotal ciste glaiste cruaidh. Luidh mi ’n sin fad iomadh latha ’N toit ’g am dhalladh ’call mo shnuaidh; ’S bhòidicheadh a’ chailleach charrach Nach robh aic’ aon fhàiadean ruadh. Ach air dhi bhi mach air chéilidh Thàinig reubanach mu ’n cuairt; Tholl an anainn; bhris na glasan; ’S fhuair mi cead na coise uaip! Ach ma fhuair cha b’ fhada ’mheal mi, Chaidh an tòir ’n ar déigh gu luath; Thug iad mi a sail na bròige, ’S crois is céir chaidh air mo ghruaidh. Sheas mi air là mòr na cùirne, ’S thug mi fianuis ’measg an t-sluaigh; Fhuair a’ chailleach air a h-ais mi, ’S fhuair am bàs i féin gu luath. ’S ged ’bu chruinn a sgrìob i còmhlath Am bonn òir, ’s an sgillinn ruadh, O bu bhraise ’chaidh a sgaoileadh Na ni gaoth am moll a ruag’. Leum na càirdean air a chéile Mu ’n robh ’n creutair fuar ’s an uaigh, Bha ’n luchd-lagha ’n an cuid fèin deth, Is gach aon ri streupaid chruaidh. Och, mo léireadh nam bu ni e ’Bhiodh r’a ìnnseadh anns an t-saoghal, A’ chailleach fhaotainn comas èiridh Dh’ fhaicinn ’n dìol’ ’bha air a saothair, O ’s ann aice ’bhiodh an cuibhrionn An och, och ’s an guileadh truagh; Càch a’ faotainn math a cuibhrinn Is i féin dhol bàs le cruas. ’S iomadh piuthar agus bràthair A tha ’n dràsd aic’ am measg dhaoin’; ’N cuid ’n a luidhe ’meirgeadh làmh riu ’S feum guu leòr air gach taobh. Gabh-sa rabhadh nis o m’ òran Is do dhòrn na gléidh co duint’: Dean sa math le d’ stòr ’s tu ’n lathair; Sgaoilidh càch e ’s tu ’s an ùir. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. Siosal & Crowe. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. MacDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co Mai 4. ’95; Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhea gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Am bheil thu gabhail Mhic-Talla? mu eil Cuir ’ga iarraidh $1.00 sa bhliadhna D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. [TD 25] [Vol. 5. No. 5. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 1, 1896. No. 5. Litir a Alba. Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a’ ghàraidh Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA,—Thoir mo bheannachd-sa gu Seumas A. Mac ’Illemhaoil, a tha fuireach anns na h-Eileanan Coille. Is math leam gu bheil na litrichhan a tha mi ’cur a d’ ionnsuidh a’ toirt toil-inntinn mhor dha. Tha amhrus aige gur e-fein a’s sinne na mise. Is docha gur e. Ach mar a dh’ fhaodas tu thuigsinn, cha bhi na bodaich deònach a bhith ’g innseadh gu bheil iad cho sean ’s a tha iad. Tha mi ’n dòchas gu’m bi de thoileachadh agam fhein ’s aig Seumas na chi am MAC-TALLA ’na lan neart mu ’m fàg sinn an saoghal. Nan cuireadh a h-uile Gàidheal ’s an dùthaich a lamh anns an obair cha b’ fhada gus am bitheadh am MAC-TALLA cho mòr ’s cho foghainteach ri aon phaipear-naigheachd anns an dùthaich gu léir. Mar a tha an sean-fhacal ag ràdh, “Is e lionmhorachd nan làmh a dh’ fhagas an obair eutrom.” Tha boinne math de dh’ fhuil Chlann ’ic Illemhaoil annamsa. B’ ann diùbh a bha mo sheanamhair. Is math a tha cuimhne agam oirre. A reir ’s mar a chuala mise, bha i glé chiùin, còir, foighidneach. Ma tha Seumas de ’n aon nàdar rithe cha chuir e dragh no tuasaid air daoine eile. Is gle’ thoigh leam a bhith faicinn litrichean anns a’ MHAC-TALLA o’n duine uasal sin a th’ ann an Lunnain, do ’n ainm, “Caber Feidh.” Is fior charaid dhut san co dhiubh. Anns an litir mu dheireadh a chunnaic mi uaithe dh’ innis e mu ’n obair mhath a tha Gaidheil Lunnain a’ deanamh air son a bhith ’cumail suas na Gailig. Ach is i a’ cheisd, “Am bheil na Gàidheil chòire so gu leir a’ ceannach agus a’ leughadh a’ MHIC-TALLA? Mur ’eil, their mise riutha sùil mu ’n t-sròin—agus cha nàr leam a ràdh— nach ’eil iad a’ deanamh an dleasdanais. Is iomadh fear is te a théid gu coinneamhan Gàilig uair no dhà ’s a’ bhliadhna aig nach ’eil suim no cùram sam bith de ’n Ghàilig. Cha ’n fhaicear leabhar Gàilig an dòrn a h-aon aca aig àm sam bith. Thachair ni ann an Sasunn air an t-seachdain so a thug mór-thoileachadh dhomh fhein, agus b’ e sin, an càirdeas, an comunn agus an gaol a nochd na Bholuntìrs, Aosda, Urramach, a thàinig a nail a America, agus na Bholuntìrs a tha ’n Lunnain, d’ a cheile. Chuir a’ Bhanrigh de dh’ urram air na h-Americanaich gu ’n deachaidh i a dh’ aon ghnothach g’ am faicinn. Mhol i iad, mar a tha mi ’creidsinn, a dh’ fhaodadh i; agus thug i biadh is deoch dhaibh anns a’ chaisteal anns am bheil i aig an àm so a’ fuireach. An oidhche na dhéigh sin thug na h-Americanaich dinnear mhòr seachad do ’n cobhràithrean, na Bholuntìrs a tha ’n Lunnain. Agus bha Prionnsa Uales, am mac a’s sinne a th’ aig a’ Bhanrigh, agns fear eile de na mic aice, aig an dinneir. Dh’ òladh deoch-slàinte na Banrigh agus mar an ceudna, deoch-slàinte Phresident Clebhland, aig an dinneir. O’n a thachair an ni so, tha dòchas againn gu ’m bi sith agus co-chordadh buan eadar na Breatunnaich agus na h-Americanaich. Bu chòir do ’n t-sluagh aig am bheil an aon chànain, agus ann an tomhas mòr, na h-aon chleachdaidhean, a bhith ann an sìth ri’ cheile aig gach am. Tha dòchas againn gu ’m bi sin mar sin gu bràth tuilleadh. Cluinnidh tu uam gun dàil, ma bhios mi beò agus ann an slàinte. Is mi d’ fhior charaid, Bodachan a’ Gharaidh. 13, 7, ’96. IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN. (Air a leantuinn.) Bho ’n thòisich mi air sgriobhadh ugad tha MAC-TALLA air co-ainm latha-bhreith a chumail ’s mar a bha ceart, a thaobh ’s gu bheil e fàs mor, fhuair e deise ùr. Tha bhonaid ghorm Ghàidhealach, a fhuair thu air a shon, a tigheann dha gle mhath. ’S toigh leam an suaicheantas a th’ oirre, an cluaran Albannach a’ cuartachadh na duilleig Mhéipil. Canaidh mi ri MAC-TALLA mar as minig a chaidh a chantuinn riam fhéin nuair gheibhinn deise ùr. “Gu meal ’s gu’n caith thu i.” Rainig mi mo cheann-uidhe, ma ta, air an aonaibh latha deug da ’n og-mhios. Thàinig an t-Urr. Mr. Friseal gu caoimhneil ga m’ fhaicinn. Dh’ aontaich mi ri pàirt a ghabhail de sheirbheis na Sàbaid anns an eaglais aige. Bha aige fhéin ri bhi air falbh bho ’n tigh air an latha sin. Ghath mise agus gille og, missionary a mhuinntir Glace Bei, an t-seirbheis ’na àite. Bha comh-thional mor cruinn, mar is àbhaist air a Chladach-a-Tuath. Tha e ’na ni furasda labhaist ri sluagh a tha nochdadh spéis don aobhar le bhi frithealadh na meadhonan agus le bhi toirt deagh-aire da na tha air a labhairt. Tha parraiste farsuinn aig Mr. Friseal agus nochd an sluagh an speis d’ am pears’-eaglais le bhi ’togail tigh-ministeir dha cho eireachdail ’s a tha ri fhaicinn anns an dùthaich. Tha mu thimchioll da cheud teaghlach anns an sgire so ’s cha mhor gu bheil mac màthar na ’m measg ach Gàidheal. ’S iomadh áireamh de ’n MHAC-TALLA bu chòir a bhi dhl sios an Cladach-a-Tuath gach seachduinn. Tha roinn as motha de’n sluagh a’ Leoghas agus as na h-Earadh. Labhraidh an òigridh a Ghàidhlig cho coimhlionta ’s a ni am pàrantan. Bho ’n dh’ fhàg mi mo dhachaidh an Strathalba cha mhor nach robh mi suibhal fad na h-ùine tre dhùthaich a tha air a h-àiteachadh le Gàidheil. ’S Gàidheil a chuid a’s lionmhoire do luchd-àiteachaidh Cheap Breatuinn. Innsidh ainmean cuid de na h-àitean co as a thainig an sluagh a tha comhnuidh annta. Tachraidh ainmean mar so ruit an Ceap Breatuinn, Cobh nam Muileach, Abhainn nam Muileach, Beinn nan Sgiathanach, Gleann nan Sgiathanach, Beinn nan Gearrloch, Beinn Leoghais, An Tarbeart, Baoghasdal, agus mar sin sios. Bhiodh maid an comain do luchd-leughaidh nan tugadh iad min-chùnntas dhuiun mu’n àm anns an d’ thainig iad fhein no an aithrichean do’n dùthaich, am port bho ’n do sheòl iad, ainm na luinge, aireamh nan anman air bòrd, agus ciod na h-àitean an dùthaich so anns ’n do thunnich iad. Gabhaidh so uile deanamh fathast, ach ann am beagan bhliadhnachan eile bidh diochuimhn air na nithe so gu bràth mar bi iad air an sgriobhadh sios. Bu mhaith an obair do MHAC-TALLA eachdraidh de ’n t-seòrsa so a chruinneachadh. Bhiodh i ’na h-eachdraidh luachmhor leis an àl a thig ’nar deigh. Co a chuireas a lamh ris an obair so? Ni mise mo dhichioll ma ni muinntir eile an cuid fhéin dheth. Tha iomadh ni air chuimhne measg nan seann daoine tha fathast beò a bhiodh taitneach le iomadh neach fhaicinn air a chlo-bhualadh anns a MHAC-TALLA. C. C. [TD 26] [Vol. 5. No. 5. p. 2] SILIS NIC-COINNICH. SEAN SGEUL GHAIDHEALACH. (Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.) V. CHA robh focal tuilleadh ri radh mu Oighrig aig an am ud; ach bha dian-chonaltradh am measg nan uaislean a thaobh na casaid a thog i ’n an aghaidh. Ged bha an dithis a bu chiontaiche dhiubh a’ gabhail orra, an lathair a’ Mhoraire, a bhi caoin-shuarach mu ’n chasaid ud, chiteadh ’n an gnùis gu ’n do chuir i campar agus buaireas orra nach b’ urrainn iad a chleth; agus gu ’n robh iad le cheile fo eagal gu ’n robh stoirm a’ tarmachadh mu ’n timchioll a bhristeadh gun dail le maoim fhuathasach air an cinn. Bha am buaireas ud ri ’fhaicinn gu ro-shoilleir air gnuis aog-neulaich Charnaich. Bha Carnach uile gu leir ’n a dhuine iongantach—bha e fearail, calma, cruaidh chridheach agus misneachail; dileas d’ a cheann-feadhna, agus baigheil teo-chridheach ris an iomlan de ’n fhine; ach cha robh riamh anns an duthaich ghrisreagaich ud aon chreutair eile a bu mho bha fo bhuaidh thrailleil an t-saobh-chreidimh. Bha lan chreideas aige anns an taibhsearachd, agus gheibhteadh e a’ sior-mheachranachd ris gach neach a bha ’g aideachadh a bhi ann an seilbh air an tiodhlaic dhiomhair sin. Cha rachadh e am air bith de’n bhliadhna, air thurus cuain, a dh-fhaicinn chairdean agus luchd-cinnidh dha, a bha ’chomhnuidh ann an Eirinn, gun sìd agus soirbheas fabharach a cheannach bho bhuidsich ainmeil a bha ’s an Eilein-Sgiathanach. Bha e ’creidsinn ann an tannasgan, bòcain, spioradan-mara agus tire, agus anns a’ chumhachd a bh’ aca tharais air beatha agus crannchur dhaoine. Uime sin, air do bhagraidhean Oighrig a bhi comh-chordadh ri faoin-bheachdan saobh-chreidmheach a bha ’luidhe air ’inntinn roimhe so, rinn a faistneachd mu na bha an dàn dha, deargadh cho domhain air a chridhe agus gu ’n robh e coltach ri duine as a chiall. Bu leoir e gu a reusan a thoirt uaithe, a bhi fo eagal gu ’n robh fianuis aogaidh, neo-thalmhaidh gu ’thighinn bho taobh thall na h-uaigh a dhearbhadh r’ a aghaidh, ann am fianuis a’ Mhoraire, an gniomh bruideil an-tromaichte d’ an robh e ciontach. Cho robh e freagarrach dha fuireach ni b’ fhaide air falbh bho ’theaghlach fein, agus mar sin, thoisich e ri deanamh deas gu tilleadh dhachaidh; ach chuir am Moraire gu naire e air son a chladhaireachd. “Ma tha tu ’dol a theicheadh air falbh o ’n chaisteal air an doigh so,” ars’ Eidirdeil, “is beag nach bi e comh-ionann dhuit ri saor-aideachadh air do chionta.” Air a’ bhonn sin, chuir e air ’fhocal e nach gluaiseadh e null no nall bho ’n Chaisteal gus am faicteadh ciod an fhinid gus an tigeadh casaidean agus faistneachd Oighrig. Air an ath oidhche as deigh do Oighrig a bhi air a ceasnachadh, thug Carnach mac a bhrathar a leth-taobh, agus thuirt e ris gu ’n d’ thainig e gu codhunadh nach robh ’nis leigheas a b’ fhearr air a’ chuis, na lan aideachadh a dheanamh air an cionta, gun tuilleadh dalach; ni ris nach aontaicheadh Bar-a-mhuilinn air chor sam bith, “oir tha mi dearbh chinnteach,” ars’ esan ri brathair ’athar, “gu ’m bheil bron a’ Mhoraire cho domhain agus cho geur, agus na’n aidicheamaid ar cionta, gu ’n crochadh e sinn le cheile, gun bhreith, gun deuchainn, gun dail, gun soradh; agus a thuilleadh air sin,” ars’ esan, “ciod is fiach focal caile shuaraich nach faca ciod a thachair, ach aig astar fada uaipe, an aghaidh teisteas ceathrar dhaoin’-uaisle a bha ’n an suil-fhianuisean air. A Charnaich, cha ’n aidich sinn idir e; air dhuinn ar beatha ’chur an cunnart air son leas ar cinnidh, seasamaid gu daingean guala ri guala gus a’ chuid is faide mach.” Bha an dinneir car anmoch air an fheasgar ud, agus air do ’n Mhoraire ’thoirt fainear gun robh a chairdean, a reir coslais, iosal ’n an spiorad, choitich e am fion orra cho suilbhir agus cho fialaidh ’s a b’ urrainn e. Bha Carnach anabarrach neo-fhoisneach agus mion-mhothachail, ach rinn am fion ni bu mhiosa e. Bha a shealladh fiadhaich, neo-shuidhichte, agus a ghuth air uairibh ard, sgalanta, agus air uairibh eile mabach, iosal, critheanach. Shileadh a shuilean gu frasach ’n uair a chluinneadh e am focal bu lugha mu bhàs na ban-mhoraire. Anns an t-suidheachadh bhuaireasach so bha fleadhachas an fheasgair a’ dol air ’aghaidh, agus direach mu ’n am ’s an do ruith an gloine-ùine an naoitheamh uair, chaidh stad a chur air an cridhealas le aoidh iongantach a bhrist a stigh orra gun sireadh, gun iarraidh. B’ oidhche dhorcha i ann an treasamh mios a’ gheamhraidh. Shiolaidh an stoirm ghaillionnach ud a mhair moran laithean, gu fèath agus ciuine. Bha an sgeur fo mharbh-bhrat dorchadais. Bha an iarmailt coltach ri seomar-bais, ’n uair theid an ospag dheireannach seachad; agus bu leoir e gus a’ chuideachd a luasgadh agus a lionadh le uamhann agus le iongantas, gu’n tigeadh aoidh talmhaidh sam bith a dh-ionnsuidh a’ Chaisteil mu’n am ud, air oidhche a bha cho dorcha agus cho ùdlaidh. An uair a b’ airde fuaim agus farum a’ chonaltraidh am measg nan uaislean mu bhord a’ Mhoraire, chualas maoth-bhuille sgaiteach, sgiobalta aig an dorus-mhor; aig nach buaileadh uair sam bith, ach luchd-tathaich urramach, ard-inbheach. Is cinnteach gu ’n robh rud-eigin anabarrach sonruichte ann am fuaim na buille ud; oir ma-dh’ fhaodta nach cualas riamh buille eile de ’n t-seorsa, aig an robh a leithid de bhuaidh air cridheachan agus air aghaidhean dhaoine, a bha cho misneachail, cho fearail, agus cho calma ri aoidhean Eidirdeil. Chuir a’ bhuile ud grad-chasg air farum na poiteireachd; bha gruaim dhorcha, iomaguineach air gach gnuis; gach suil air an dorus, oir le meud na h-oillt agus an eagail a thainig orra cho obann, cha b’ urrain aon dhiubh sealltuinn direach ’san aodann air aon eile. Chualas ceuman aotram, subailte air an staidhir, agus a’ tighinn direach gu cul dorus an t-seomair, far an do stad iad gu samhach car tiota—agus b’ i sin an tosdachd uamhasach do na h-uaislean a bha air an taobh a stigh. Ri h-uine, chaidh an dorus ’fhosgladh gu h-athaiseach, agus dh’ èalaidh Oighrig Nic-Coinnich a stigh gu seimh, le a h-aodann cho glas-neulach ri tannasg; air a sgeadachadh le brai’-lin gheal, agus neapaigin gheal mu ’ceann. Is math, a b’ aithne dhi cliu agus gne an duine ud d’ an robh sar-fhuath aice. Gun diog a radh, sheall i gu duairceach ann an aodann Charnaich; thog i a corrag ri ’aghaidh; thionndaidh i air a sail; dh’ fhosgail i an dorus, agus leig i stigh Silis. Ban-mhoraire Fidirdeil! Cha’n ’eil focal anns an ursgeul so ach smior na firinn—cha ’n fhaoin-sgeul mac-meamnach e, no deilbh-inntinn baird no feallsanaich; ach firinn cho dearbhta ri eachdraidh teaghlaich sam bith, an taobh a a stigh do chriochan Bhreatunn. Is i Silis a bh’ ann gun teagamh, agus anns an dearbh eideadh leis an robh i air a sgeadachadh ’n uair a chaidh a tilgeadh ’bharr na drochaid mhaide. Bha a h-aodann glas-neulach; cha robh i idir cho aoigheil no cho failteach ’s a b’ abhaist dhi bhi; ach a thaobh gach dreach agus cruth, agus comharr-gnnise a bhuineadh dhi, cha bu chomasach do neach d’ am b’ aithne i an teagamh ’bu lugha ’altrum mu a timchioil. Chriothnaich gach mac mathar a bha mu ’n bhord. Ann am priobadh na sul, dh’ eirich Carnach, agus a dh’ aon sitheadh leum e mach troimh an uinneig a b’ fhaisge dha—bha uinneagan sean-fhasanta a’ chaisteil air an crochadh le ludagain, agus thachair do ’n uinneig ud a b’ fhaisge do Charnach a bhi leth-fhosgailte aig an am ud. Ciod air bith a b’ aobhar dha, dhearmaid Oighrig a crannadh an air fheasgar ud. Mu ’n gann a bha Carnach thar na h-uinneige, leum Bar-a-mhuilinn a mach as a dheigh; ach cha do ghluais a h-aon de na h-uaislean eile: bho nach roch lamh asasan, da-rireadh, ann am fuil na ban-mhoraire, chuir iad rompa gu ’n seasadh iad ris a’ chuis gus a’ chuid a b’ fhaide mach; ach bha iad uile air an grad-ghlacadh le a leithid de chaismeachd, agus nach d’ thug gin dhiubh fainear ’s a’ cheud toiseach gu ’n deachaidh Carnach agus mac a bhrathar am mach troimh an uinneig; ged a thug Oighrig sgread oillteil dhioghaltach aisde, an uair a chunnaic i fear an deigh fir dhiubh a’ dol as an t-sealladh. Ged a mheudaich sgreadail Oighrig breisleach bhuaireasach nan uaislean car tiota, cha b’ fhada gus an robh an inntinnean air an dusgadh suas leis an taisbeanadh iongantach a bha fa chomhair an sul. Sheas Silis car mionaid no ’dha air meadhoin an urlair, le a suilean silteach a’ dur-amharc ann an aodann a Mhoraire. Mu dheireadh, thog i suas a suil agus a lamhan ri neamh, agus ann an [TD 27] [Vol. 5. No. 5. p. 3] cruaidh-ghleachd anama, ghlaodh i a mach:—“Ciod e so a thainig orm, no ciod a rinn mi, nach ’eil duine an taobh a stigh de m’ thigh fein a chuireas failte no furan orm!” Bha gach teanga balbh, gach suil ris an lar; cha do ghluais, eadhoin Eidirdeil, e fein, lamh no cas, gus an do leum an tannasg ’n a dhail. Ghlac i e ’n a gairdeanan, leig i a ceann air uchd agus ghuil i gu goirt. “O, a Dhe m’ athraichean! mar is beo mi, is i mo Shilis fhein a th’ agam—Silis mo chridhe agus mo ghaoil,” thuirt Eidirdeil, agus e ’g a fasgadh gu teann ri ’bhroilleach. Is i Silis a bh’ ann gun teagamh. (Ri leantuinn.) AM BRITHEAMH LEOGHASACH. A reir innse-sgeoil b’ e Iain Moiriston ainm an fhir mu dheireadh ris an abairteadh am “Britheamh Leoghasach.” Bha e còmhnaidh an Tàbast an Nis. Bu Bhan-Eirionnach a’ chiad bhean a bh’ aige. Theich i air an deaghaidh dhaibh ceathrar mhac a bhi aca de theaghlach. B’ e ainm nan gillean: Ailein, Dònull, Coinneach agus Aonghas. A null do dh-Eirinn thug am màthair orra, agus dh’ fhàg i iad fhein ’s an athair an Nis air an dlò. Cha robh am Britheamh gu bhi fada gun mhnaoi: goirid an deaghaidh do ’n chiad te fhàgail chaidh e null a dh-ionnsuidh na Mòrthir, agus thug e leis te eile á sin gu ruig Nis. Da bhliadhna an deaghaidh an dalla pòsaidh, chaidh Iain Moiriston a rithisd gu ruig a’ Mhòrthir, agus an uair a ràinig iad tir thug e air a chuid sgioba bothan a dhianamh dhaibh fhein agus dhàsan, gu cur suas annta fhad ’s a bhiodh iad ’s an duthaich aineolaich ud. Dh’ fhàs a’ mhuir cho fiadhaich an là bha sùil aca ri falbh air an ais do Leoghas agus gu’n seoladh an t-slige bheirnich oirre. Air an doigh chiadna dh’ fhàs a’ ghaoth cho ciuin s nach gluniseadh i an seol bho ’n chrann aca. Cha robh comas air, b’ éiginn daibh fuireach ’s an àite ’s an robh iad an oidhche sin. Mu mheadhon-oidhche chula fear de ’n sgioba an sgread oillteil ’s a’ bhuille throm ud. Dhùisg e càch cho luath ’s a b’ urrainn d’a agus ghrad-éirich fear dhiubh agus chuir e gabhail ’s an teine mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e, agus chunnacas mar a bha chùis. Dh’ éubh an duine gu luath le guth uamhasach. “Mo chreach! mo chreach! a dhaoine, éiribh ’s am Britheamh marbh, ’s a cheann ’n a dhà leth. Chaidh gach fear ’n a bhreisiich, gach fear a’ suathadh a chadaill as a shùilean. An uair a dh’ éirich iad uile, fhuair iad a mach gu ’n robh a’ chùis mar a chuala iad. Anns a’ mhaduinn thigear oigeir le falt buidhe bhàn h-uca; agus na ’m b’ fhior, co bu duiliche air son mar a thachair do ’n bhritheamh na esan—ged gu fìrinneach a b’ e e fhein a mhort e. Co luath ’s a chaidh an deò as a’ Mhoiristneach thàinig gaoth fhabhorach air son an toirt gu Leoghas. Thuirt fear an fhuilt bhàin riu, “Tha mise dol do Leoghas, agus bhithinn ’n ur comaine na ’n leigeadh sibh dhomh falbh comhla leibh anns a’ bhata. Cho-aontaich iad uile leigeil leis, agus sheòl am bàta gu ruig Leoghas. Thàinig e gu tir gu sàbhailte leo aig cladach Lerstein faisg air an Stoth Niseach. Air do ’n òganach tighinn air tir dh’ iarr e lorg air tigh a’ Bhrithimh. Agus gun a’ bheag a mhoille chaidh e gu ruig Tabast. An uair a ràinig e tigh a’ Bhrithimh, dh’ aithnich a’ bhean e, agus dh’ fhiosraich i dh’ e mu a companach pòsta. “Falbh, falbh,” os esan, “gheobhar deireadh gach sgeòil a nasgaidh.” Chaidh biadh a dhianamh dha, agus dh’ fhoighnich a’ bhean d’e an dalla h-uair am b’ aithne dha dad sam bith mu dheighinn a fir. “Ud,” os esan agus e labhairt gu dimeasach, suarach, “bhàsaich e air a’ Mhòrthir, ach coma leatsa mu thimchioll, bho’n a bha mi fhein ’s tu fhein a’ suirdhe roimhe so posaidh sinn a nise.” Bha bean a’ Bhrithimh riaraichte gu leoir gabhail leis an t-suirdheach òg; ach cha robh e fada fuireach ’s an tigh an uair a chnir e fhein agus Ailein am mac bu shine dh’ fhàg am Britheamh, a mach air a cheile. Là àraidh an deaghaidh dhaibh a bhi trod, dh’ èirich oide an deaghaidh Ailein leis a’ bhiodaig. Tra chunnaic Ailein so ruith e mach as an tigh ’s thug e leis còmhla an doruis air a ghualainn ’s lean an cù e. Dh’ fhàg Ailein car mu chnoc oide ’s dh’ fhalaich e e fhein an sloc mòr a bha ’n sin ’s fraoch a’ dùnadh a bheòil. Coma leibh na co dhiù, thachair do ’oide dol a dh-ionnsuidh an t-sluic, ach mar a bha sealbh an dán do Ailein, bha a’ chomhla aige os a chionn fhein, ’s bha ’n cu ’n a laidhne air a’ chomhla. Chuir ’oide amhurus gu’n robh e ’s an t-sloc agus shath e a’ bhiodag sìos ann. Chaidh a’ bhiodag anns a’ chù agus an uair a chunnaic an daoith fuil a bhi oirre shaoil leis gu ’n do chuir e as do Ailein a dhalta Ruith e dhachaidh ’s moit mhor air an deaghaidh an namhaid a chur gu dìth. Thuig Ailein nach b’ ion da dol dachaidh, agus chuir e roimhe seol a dhianamh air dol a dh-Eirinn far an robh a chàirdean ’s cuideachd a mhàthar. Ràinig e tigh an t-seann-duine a b’ àbhaist a bhi ’n a fhear-ciùil aig ’athair, agus fhuair e bhuaithe biadh us beagan airgid air son a thoirt air a thurus. Thàinig Ailein bochd gu ruig Steòrnabhadh, agus an ùine ghèarr fhuair e soitheach anns an deach e dh’ Eirinn. Gu sgial goirid a dhianamh dh’ e, thainig triuir bhràithrean a mhàthar a nall comhla ri Ailein athagairt a choraichean. Bu dhaoine calma, tapaidh iad, a reir coltais—cha robh duine dhiu a bu lugha na sia traidhean air àirde. Ràinig iad Nis air Oidhche-Callainn, ’s chaidh iad gu tigh an fhir-chiùil a bh’ aig a’ Bhritheamh. Dh’ fhiosraich iad dh’ e ciod an dòihg a b’ fhèarr air an tigh a ghlacadh. “Leanaibh mise, a dhaoine uaisle,” os esan, “agus chì sinn.” Tra a ràinig iad an tigh, chaidh am fear-ciùil a stigh ’s dh’ fhàg e càch aig an dorus. Bha bean a Bhrithimh ’s a cèile ùr ’n an suidhe aig cuilm na callainne, agus am bàrd ùr còmhla riutha. “Tha sibh ann an sin dà bhàrd,” os oide Ailein, “agus faiceamaid co is fhearr a ni rann agaibh.” Thuirt bàrd Iain Mhic Uisdein—b’ e sinn ainm oide Ailein— “Làmh mo chridhe làmh Eoin, Nach suidheadh an tigh gun cheol, Mharbh e am Britheamh Bho’n tigeadh an lagh cam.” An uair a chuala bean-an-taighe so bhuail i a basan, agus thòisich i air gàireachdaich. Ach fhreagair seana-bhàrd a’ Mhoiristinich agus thuirt e: “A bhean bhaoth, ’s a bhean gun nàire, ghabh thu droch ceann de chlann an fhir a tha marbh, ’s ghabh thu leis a’ mhortair.” “Beiribh air, beiribh air, ’s marbhaibh e,” os ise. “Thoir toighe gu bheil mo luchd cuideachaidh gle fhaisg orm,” os an seann-duine agus gun éisdeachd ris a’ chòrr bhuail na fir a bha mach a stigh. Tra chunnaic Iain Mac Uisdein agus a bhean Ailein ’s na bha còmhla ris theich iad a mach air dorus-cùil a bh’ air an tigh, rinn iad luim air a’ Mhòrthir a thoirt orra. Mar so chaidh an tigh ’s an t-seilbh uile fhàgail aig Ailein ’s aig a bhràithrean. Cha robh a chòis fada mar so an uair a chuala Niall-Odhar Mac-Leòid, mac dìolain do sheann Ruari Mac-Leòid, an t-uachdaran dligheach mu dheireadh de na Leodaich a bh’ air Leoghas, gu’n robh am Britheamh marbh; thainig e fein ’s prasgan dhaoine a nall á Uige gu fearann a’ Mhoiristnich a thoirt a mach a chòir no éucoir. Fada an deaghaidh so bhiodh Mac-Leoid ’s clann a’ Bhritheimh ag aimhreit ’s ag còmhstrith. An deaghaidh bàs Aonghuis, chaidh a thriùir bhraithrean turus a null dh’ ionnsuidh na Mòrthir agus ghabh Niall eucorach a null air an toir. An uair a chunnaic na moirristnich so chuir iad am bàta aca air saile gu tilleadh do Leoghas. Rinn Mac-Leoid as an deaghaidh, ach bha na Moiristnich cho anabarrach tapaidh ’s nach robh an leithid ’s na h-eileinean tuath ’n an latha fhein, agus dh’ iomair iad cho làidir ’s gu’n robh iad ag gleidheadh astair mhath an ceann air Niall. Mar a bha am bàta dol air aghart bha Ailein a’ dianamh na h-iorraim so: Iomair thusa Choinnich coidhe, Gaol nam ban òg, ’s gràdh nan nighean, Tha eagal mòr air mo chridhe Gu ’m beil bìrlinn Neill a’ tighinn. No sgoth chaol Mhic Thormaid oighre Iomraidh mise fear ma dhithis ’S na ’m b eiginn domh fear ma thriùir. Ach, ’s truagh nach robh mi fhein ’s Niall Odhar, Slagan beag os cionn Dhùn-Odhail, Biodag am làimh ’s esan fotham, Dhearbhainn fhein gu’n rach’ i domhain, ’S gu ’m biodh fuil a chinn mu ghobhal, ’S gu’n dianteadh feòil ’s gu’n dianteadh sithionn, ’S gu ’m biodh biadh fo ghob an fhithich. Cha d’ rinn mi fhathast beud no pudhar, Mur do leag mi fiadh fo bhruthach, No biast mhaol an caolas cumhang, No dubh sgarbh an còis na tuinne. Chi mi rudha, ’us slagan beag eile Anns ’na mhilleadh mo chàirdean. (Air a leantuinn air 30 taobh.) [TD 28] [Vol. 5. No. 5. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, OGUST 1, 1896. A Framboise. Co a thainig air chéilidh orm an dé ach mo chairide MAC-TALLA, le deise ùir air bho bhàrr gu bhonn. ’S gu firinneanach is math tha i tighinn dha, ’s mo bheannachd aig a’ làmh a shniomh i, ’si rinn gniomh na deagh bhean taighe. Ach cha ’n i an deise a mhàin ach mar a dh’ fhàs e cho mor bho’n chunnaic mi ma dheireadh e, a thug orm fàilte chridheil a chuir air. Agus tha e soilleir gu leòir nach eil e ach ’na òige fathast a thaobh e bhi tighinn air aghaidh ann a’ meudachd, ’na dhreach, agus na chòmhradh, ’s tha mi saoilsinn nach eil cagailte Gàidheal ’s an dùthaich anns nach bu chòir dha aoidheachd chàirdeil fhaighinn. Bha againn air réir an t-sean fhacail “samhradh breac riabhach,” agus tha gach seòrsa barra a’ coimhead anabarrach math; agus ma gheibh sinn a nise “foghar geal grianach,” cha ’n ’eil teagamh nach bi barr ni’s fhearr na bha e bho chionn iomadh bliadhna. Cha do chuir daolag a bhuntata dragh sam bith oirnn cho fada so, agus mur do chuir mo thogair. Cha deachaidh a bheag a dh’ iasg a thoirt air tir air na cladaichean so fhathast; bha ’n t-side glé stiormeil, co-dhiu airson iasgach lion na dhubhan, agus an t-iasg cho gann ’s gu robh iadsan a bha ’ga leantuinn a faicinn gu’m pàigheadh e iad ni b’ fhearr a leigeadh dhiu agus tòiseachadh ri glachdadh nan giomach. Agus thatar a’ gearain nach eil an creutair spògach sin féin cho pailt ’sa b’ àbhaist da, ach tha phris ni’s àirde na bha i riamh roimhe an so, agus cead gu iasgach gu toiseach an fhoghair; agus dh’ fhaodadh gu’n leasaich sin an call. Tha am ministeir air falbh bhuainn bho chionn da Shàbaid; bha e air an t-Sàbaid s’a chaidh a cuideachadh Mr. Calder aig an robh comanachadh aig Aiseag Mhira, agus tha e gu searman a thoirt daibh ann an Leitches Creek air an t-Sàbaid s’a tighinn. Dh’ fhàg e an t-Urr. Mr. Sinclair againn ’na àite, agus ged tha an duine còir sin a nise gu math sean agus ged a leig e dheth a bhi searmanachadh bho cheann fhada, theid aige air searman math a thoirt seachad fhathast. Thainig àireamh mhor dhachaidh ugainn as na Stàitean air an t-samhradh so, agus tha iad ag radh gu robh iomadh latha againn air a mhios so cho teth ’sa dh’ fhairich iad ’am Boston bho cheann fhada, ach na dheigh sin cha’n eil àite ann coltach ris an dachaidh leo; agus gun teagamh tha sinn uile tolichte na h-uidhir fhaicinn dhiu aig an tigh ged a bhiodh iad a co-’lamadh na Gàidhlig ’s na Beurla fhein. Ach stad ort mu’n dùin mi mo litir, gus an cuimhnich mi an do chuir mi thugad pàigheadh MHIC-TALLA airson na bliadhna so. Cha do chuir, air m’ fhacal! Gu dé so a rug orm? Mo nàire! Cha bu chòir dhomh sud, ach guidheam ort, thoir maitheanas dhomh san eucoir so, agus geallaidh mi cho fad ’sa bhios speir air an iomaire agam gu’m bi latha ’s bliadhna mu’n tachair a leithid a rithist do m’ thaobh. So agad do dholar. CEANN LIATH. 24, 7, ’96. Facal a Vermont. MO CHARAID GASDA:—Tha mi an dòchas gu’n toir sibh mathanas dhomh air son a ghearain a rinn mi o chionn seachdain no dha air cho beag ’sa bha ’m paipear a’ fàs. Cha robh mi air a leughadh air fad nuair a sgriobh mi an litir. Ged nach eil moran uisge tuiteam ann an so, tha na Geancaich a’ gearain nach eil an t-side suidhichte gu leòr air son faighinn air adhart le gearradh an fheòir cho math ’s bu mhath leotha. Tha iad a cumail a mach gu’m bi am fiar gann anns na Stàitean am bliadhna, agus mar sin gu’m bi e daor. Tha e cho pailt ’sa b’ àbhaist da bhi anns a’ sgire so; tha mar an ceudna gach seòrs’ arbhair agus meas gu bhi, a reir chltais, gle phailt. Gu robh buaidh le peann BODACHAN A’ GHARAIDH; tha mi ’n dochas nach leig e leis fàs meirgeach. Agus thusa ’Iain ’ic Illeasbuig, a’ Ontario, na dean dearmad cho fada tuilleadh air sgriobhadh ’sa rinn thu air an turus ud. Bu deònach a bhithinn fhèin air làmh-chuideachaidh a thoirt dhuibh na’m biodh tide agam, ach tha mi na’m sheirbheiseach aig duin’ eile, agus mar sin cha’n i mo thoil féin a dh’ fheumas mi dheanamh ach toil mo mhaighstir. Ur Caraide Dileas, AM PEUTANACH. Cabot,, Vt. 27, 7, ’96. Tha sinn an dochas gu’n dean an luchd-gabhail an dichioll air pàigheadh a’ phaipeir a chur air adhart gun dàil. Tha moran againn ri phàigheadh a mach, agus cha’n eil dòigh againn air sin a dheanamh mur bi e tigh’n a stigh. Air son aodaichean deante ruig an stor aig D. J. Domhnullach. Tha iad math ’s tha iad saor. OGUST, 1896. 1 Di-sathairne, An Liunasdal. 2 DI-DONAICH, 9mh Donach nn Trianaid. 3 Di-luain, (2) An Cr. mu dheir. de’n t-Sol. 2. 20 F. 4 Di-màirt, (2) Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52 5 Di-ciaduin, Bas Rob Dhuinn, 1778. 6 Dior-daoin, (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598. 7 Di-haoine, A Ghrian ag eiridh, 4,58, 8 Di-sathairne, Duibhre air a Ghréin. 9 DI-DONAICH, 10mh Donach na Trianaid. 10 Di-luain, (9) An Solus Ur, 0.48. M. 11 Di-màirt, Blar Dhailrigh, 1306. 12 Di-ciaduin, A Ghrian a’ laidhe, 7.6, 13 Dior-daoin, Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746 14 Di-haoine, Bas Mhorair Chluaidh, 1863. 15 Di-sathairne, A cheud Chr’tl. dhe’n t-Solus, 4.49, F 16 DI-DONAICH, 11mh Donach na Trianaid. 17 Di-luain, Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786 18 Di-màirt, Blar Preston, 1649. 19 Di-ciaduin, Bliadhna Thearlaich, 1746. 20 Dior-daoin, Bas ’Ic Coinnich (Sar Obair.), 1849. 21 Di-haoine, Blar Dhunchaillinn, 1689. 22 Di-sathairne, (23) Bas Uilleim Uallais, 1305. 23 DI-DONAICH, 12mh Donach na Trianaid 24 Di-luain, (23) An Solus Lan, 2.50, M. 25 Di-mairt, Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-ciaduin, A Ghrian ag eiridh, 5.20. 27 Dior-daoin, Sealg Bhraight Mhair, 1714. 28 Di-haoine, A Ghrian a laidhe, 6.39. 29 Di-sathairne, Blar Loch-Aillse, 1722. 30 DI-DONAICH, 13mh Donach na Trionaid. 31 Di-luain, An Car’tl mu dheir. de’n t-Sol.6 41 M D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD 2591 St. Catherine Street, Montreal. [TD 29] [Vol. 5. No. 5. p. 5] NAIDHEACHDAN Thug soitheach-smùide a Sable Island air an t-seachdain s’a chaidh da fhichead sa ceithir de dh’ eich bheaga ’n eilean sin. Bha iad gu bhi air an creic air rup ann a’ Halifax an dé. Thatar ag radh gu’n deachaidh breac a ghlacadh ann an Loch Ainslie o chionn ghoirid a thomhais sia puinnd us aon ùnnsa deug, am breac bu mhomha air an d’ rugadh riamh anns an loch. Tha fios a Labrador ag innse gu bheileas a glacadh moran éisg air cladach a deas na dùthcha sin, ach gu bheil an taobh a tuath air a dhùnadh le deigh air dhòigh ’s nach fhaigh soitheach no bàta, dhol ann idir. Tha mèinn Victoria ’na tàmh a rithist; bhrist a phiob-thaomaich ùr a chuireadh air obair innte o chionn ghoirid. Tha sin a cur na mèinne air ais uair eile. Cha deachaidh ach fior bheagan obrach a dheanamh innte o’n thainig an samhradh. Bha pic-nic aig Sgoil-Shàbaid St. Andrew’s aig Gut Mhira Dior-daoin s’a chaidh. Chaidh iad a mach air a charbad-iaruinn ’sa mhaduinn, agus thill iad air feasgar. Bha an latha briagha, grianach, agus chòrd an turus gu math ris na h-uile. Bha iad mu dha cheud ann air fad. Chaochail fear Iain Mac Gilleain a mhuinntir Bhaddeck Mhor, anns an Ospidal a’ Halifax a sheachdain gus an dè. Cha robh e ann ach aon seachdain. Bha bràthair dha còmhla ris, agus thug e chorp dhachaidh gu bin air a thiodhlacadh, Bha e ’na dhuine air an robh an h-eòlaich uile gle mheasail. Bha Sàcramaid na Suipeir air a frithealadh ann a Hogamah air an t-Sabaid s’a chaidh. Bha ministeir na sgire, an t-Urr. Alasdair Ros, air a chuideachadh leis an Urr. Alasdair Grannd. Air an t-Sàbaid bha a’ Ghàilig a muigh, agus a Bheurla ’san eaglais. Bha sluagh mor cruinn, agus bha iad gu rianail stòlda fad na seirbheis uile. Fhuaireadh corp fir Iain Callaghan ann an dàma muillne, aig Newton, am Belfast, E. P. I., Di-ciaduin s’a chaidh. Bu sheann duin’ e a bha fuireach ann an tigh leis fhéin, Cha ’n fhaca duine a bhi ’ga bhàthadh, agus cha ’n eil fhios cìamar a thachair e dha. Cha ’n eil gin dhe chàirdean a’ fuireach faisg air laimh. Bha moran sluaigh ann a Halifax air an t-seachdain so air a charnival. Thòisich e Di-màirt agus chuireadh crioch air an dé. Bha réisean each, réisean bhataichean-seòlaidh, réisean iomraidh, agus moran de chluich eile a b’ fhiach fhaicinn. Bha ’n t-arm tire ’s an t-arm mara a toirt cuideachaidh dhaibh, agus bha gach ni air a dheanamh le greadhnachas mor, ’Se ar barail gu robh iadsan uile chaidh ann buidheach dhe’n turus. Tha dithis dhe na bha air bòrd an t-soithich “Herbert Fuller,’ a ràinig Halifax air an t-seachdain s’a chaidh, air an cur an sas air son mort, Bram, am meat, agus Brown, an seòladair a bha air an stiùir aig an àm an d’ rinneadh an gniomh oillteil. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil Bram ciantach, ach tha amhrus mar an ceudna air Brown, oir cha b’ urrainn dad a bhi air a dheanamh anns a chèìbin aig an àm gun fhios d’a. An deigh do na priosanaich ’s do’n chuid eile de sgioba ’n t-soithich a bhi air an ceasnachadh ann a Halifax, chaidh an cur air falbh gu Boston, far am bheil iad ri bhi air am feuchainn aig cùirt. Tha am mort an deigh gluasad mor a chur air feadh na dùthcha, Tha e ’na ni cho graineil agus cho doirbh a thuigsinn ciod a b’ aobhar dha ’s gu bheil e cur iongantas ro mhor air na h-uile. Tha iomadh bliadhna bho nach cualas mu leithid. Tha sgeul á Ruisia ag innse gu bheil e ro-choltach gu’m bi am bàrr anabarrach fad air ais anns an dùthaich sin air an fhoghar so, gu h-àraid anns an cheann a deas dh’i. ’Se ceann a deas Ruisia dùthaich criothnachd cho àluinn ’sa tha air an t-saoghal, agus ma bhios am bàrr cho dona ’sa thatar an dùil bidh e trom air biadh dhaoine fhàgail daor air a gheamhradh s’a tighinn. Ach theagamh gu’m bi bàrr cho math ann an dùthchannan eile ’s gu’n dean e suas call Ruisia. Bha còmhstri aca ann an St. Peters o chionn treis a dh’ ùine a thaobh fearann nan Innseanach aig an àite sin. Mu’n deachaidh a chur air leth dha’ na h-Innseanaich, bha àireamh de dhaoine geala air suidheachadh air pàirt dheth, agus tha iad ag agairt còir air fhathast. Bha cuid de dh’ oifigich an Riaghlaidh a bhos o chionn ghoirid ag amharc thairis air, agus a reir an sgeòil a thug iadsan leotha, tha e coltach gu’m bi cùisean air an réiteach gu math an ùine gun bhi fada. Bha Dr. Jamieson agus iadsan a bha còmhla ris a bristeadh a stigh air an Transvaal, air an toirt gu cùirt ann an Lunnainn air an t-seachdain so, agus air am faotainn ciontach. Fhuair iad eadar tri us coig miosan deuga priosain an urra, agus tha iad an diugh air an còmhdach ’s air am biadhadh mar chiomaich eile ann am priosan Holloway. Ach ged a dhit lagh agus ceartas iad, tha àite gle bhlàth aca ann an cridheachan an t-sluaigh; tha iad air am meas leotha mar mhuinntir a tha ’fulang gu neo-chiontach. Tha e coltach gu bheil cuid de luchd-togail nan taighean anns na Staitean a stri feuch co thogas an tigh a’s airde. Thatar an dràsda tòiseachadh air togalach ùr ann an New York a tha gu bhi tri cheud ’s ceithir fichead us sia (386) troidhean a dh’ àirde. Tha sia lobhtachan fichead ri bhi ann, agus air mullach sin bidh da thùr anns am bi tri lobhtachan eile. ’Se so togalach a’s àirde bhios anns na Stàitean air fad, ach ’s cinnteach nach bi fada gus an teid fear a’s àirde na e thogail. Tha am feur air fàs anabarrach a dheanamh air an t-samhradh so, agus tha na tuathanaich deiseil gus tòiseachadh air a ghearradh nan tigeadh an t-side gu bhi tioram gu leòr air son a chaoineachadh. Ma leanas an t-side cho fliuch ’sa bha i o chionn treis a dh’ ùine bidh moran dheth air a mhilleadh. Ach o’n thainig uisg us grian cho fabharrach fad an t-samhraidh air son fàs a chur air, bidh dòchas againn gu’n tig mar an ceudna turadh agus tiormachadh air an fhoghar leis am bi luchd-saoithreachaidh na talmhainn comasach air a chur gu feum. Air do’n Onarach W. S. Fielding dreuchd àrd a ghabhail ann am Pàrlamaid Chanada, leig e dheth a bhi ’na Phriomhair air Nova Scotia, agus chaidh an t-Onarach Deòrsa Murray a chur ’san dreuchd sin ’na àite. Cha’n eil aite-suidhe aig Mr. Murray anns a’ Phàrlamaid, ach tha aig àireamh de shiorrachdan na mor-roinne ri fir-pàrlamaid a thaghadh, agus tha Mr. Murray dol a ruith ann an siorrachd Victoria. Tha sinn a cluinntinn nach eil duine dol a ruith ’na aghaidh. Tha ’n taghadh ri bhi ann air a chòigeamh latha deug dhe’n mhios so. Chaidh fear Lipman, a bha ’falbh fo’n ainm uasal Count Zubof, a ghlacadh ann an New York Di-ciaduin s’a chaidh agus a chur dh’ an phriosan airson fhiachan, Bha e ’fagail a’ bhaile ’nuair a rugadh air. Beagan ùine ’n deigh dha bhi air a chur a stigh, chroch e e-fhein. Bha e o chionn àireamh bhliadhnaichean a dol mu’n cuairt o àite gu àite ann an iomadh riochd, agus anns gach àite ri ceilg ’s ri sloightearachd. Bha coig ceud dolair aig an fhear a chuir d’ an sas e air airson a bhùird. Cho fada ’s gu ’n teid obair dhe ’n t-seòrsa ud air adhart cuirear stad oirre. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 30] [Vol. 5. No. 5. p. 6] (Air a leantuinn o 27 taobh.) Is truagh nach robh mi ’n Ròna romham, Cha d’ thàinig mi riabh an cuan so roimhe, Gun taod oirre, gun taod-cluaise, Cuipeall ann am bord an fhuaraidh, ’S fiùran dìreach sheasadh suas innt’, ’S cranna fada rachadh mu’n cuairt air. Bha na Moiristnich cho sgìth an uair a ràinig iad tìr ’s gu’n deach an triùir aca do uamha bhig a bha faisg, ’s chaidil iad an sin. Ach mo thruaigh mar a bha an cruaidh-fhortan ’n an lorg, co thainig gu tìr fo ’n àite sin ach an Leodach a bha ’n an deaghaidh, agus ’n a uile throm fheirg thuit e fhein ’s a sgioba air na Moiristnich sgìth, thruagh, a bha ’n an cadal, ’s mhort e an triuir gun fhathamas, gun tròcair. A thuilleadh air a’ cheathrar mhac a dh’ ainmich sinn dh’ fhàg am Britheamh Leoghasach aon nighean. Goirid an deaghaidh bàs a bràithrean, rinn a’ chaileag so gealltanas pòsaidh ri oganach smiorail—Moiristneach eile—agus ’s ann ris an fhear so a chaidh cùisean teaghlach a’ Bhrithimh earbsa gus an tigeadh Murchadh Og am mac bu shine dh’ fhag Ailein gu inbheachd duine. Tha e coltach gur h-ann an sgìr nan Loch a rugadh an t-òganach. An la a dh’ fhalbh e dhachaidh gu tighinn do Nis thug a mhàthair dha fichead urad uibhe de dh-ìm, agus dh’ iarr i air gun leum seachad os cionn tuim bhuidhe coinnich gus an ruigeadh e ceann a thuruis, agus e dh’ iche crimein de ’n im an ceann gach greis. Cha robh e fada an sealbh air fearann us seilbhean eile a’ Bhrithimh an uair a thàinig Niall Odhar Mac Leoid ’s an luib a stigh. A réir coltais dh’ fheumadh Niall a spàin a bhi ’n càl a h-uile duine, Air an turus so thug e ceathairne mhath, laidir, leis a thogail féudail nam Moiristneach. Dh’ innseadh air dòigh air choir-eigin do na Nisich gu’n robh na h-Uigich air an t-slighe a thogail an cuid chreach. Chaidh Clann Mhic-Gille Mhoire a ghrad ’n an uidheam gu deannal còmhraig a thoirt do Mhac-Leoid. An uair a chunnaic Niall cho uidheamaichte ’s a bha iad, cha deach e an cinnseal arm riutha; is ann a thoisich e air trod ris a’ Mhoiristneach. Thuirt am Moiristneach ris gu ’m buineadh fearann Thàbast dhàsan ann an còir a mhnatha a fhuair i nuas bho h-athair ’s bho seanair ’s bho sinn-seanair. Thuirt Mac-Leoid an aghaidh sid gu’n do choisinn esan e le fuil ’s gu’m feumadh e fhaighinn. Tha ’n seanchaidh ag ràdh gu’n deach iad a dh-iomairt lagha, ’s dh’fhàg sinne an sin iad. DONULL MAC-LEOID. Is e gliocas gach neach toiseachadh turus na beatha le crionnachd iomchuidh agus le fior ghrunndalas. Tha e ro fhurasd a bhi anameasarra, struidheil, agus caithteach, oir cùimhnich gu’m fas ana-caitheamh de gach gnè ceart cosmhuil ri peileir sneachda a’ ruith le gleann. An neach a théid fada o ’n dorus, cinnidh a shoraidh fuar. Litreachas. Leis an fhacal Litreachas tha sinn a’ tuigsinn na sgriobhaidhean anns am faighear smuaintean is faireachduinean na cuid do’n chinne-dhaonna air an do bhuilicheadh tomhas do thuigse. Ann am briathran eile is e Litreachas anns an t-seadh is àirde modh lubhairt troimh sgrìobhadh eadar fear agus fear ’nan nàdur agus ’nam faireachduin mar dhaoine. Gheibh sinn Litreachas mar so ’ga roinn féin a mach ann am meòir do eòlas aig am bheil am freumh ann an inntinn an duine. Tha meur na h-Eachdraidh ann; meur na Feallsanachd; meur na h-Ur-labhrachd no na h-Ealantachd; agus meur na Bàrdachd. Ged is ann an sgrìobhadh a gheibhear gach gnè Litreachais, gidheadh cha’n ’eil a’ h-uile sgriobhadh airidh air a bhi air a ghabhail a steach fo’n ainm Litreachas. Tha mar so dà sheòrsa Litreachais ri ’m faotainn. Tha seòrsa ann a tha siubhlach, ag atharrachadh leis an là is leis an linn; agus tha seòrsa ann a tha buan a sheasas mairean cho fada agus a bhios cridheachan agus inntinnean dhaoine do’n ghné de ’m bheil iad a nis. Anns an Litreachas a tha siùbhlach no caochlach gheibhear na sgriobhaidhean a tha do ghnè shuaraich no shalaich, agus a’ chuid a tha tioram gun suspainn nach ruig no nach drùigh air anam coitcheann a’ chinne-dhaonna. Sgeul rùisgte nach ’eil air a shuidheachadh ann an corp do chainnt sgeineil shnasmhoir; prionnsapalan lethtromach nach ’eil ag éiridh a mach á fìor nàdur an duine; òraidean no searmoinean anns nach ’eil blas no brìgh; agus ranntachd nach ’eil binn no buadhach,—na leabhraichean no na sgrìobhaidhean anns nach faighear ach a’ ghnè dhiombuan so do litreachas cha bhuin do ’n t-seòrsa a tha buan no maireannach. I.—EACHDRAIDH. Cha chanar eachdraidh anns an t-seadh cheart ri leabhraichean ghinealach anns nach faighear ach stiall fhada do ainmean, Mac Dhòmhnuill, Mhic Iain, Mhic Choinnich, &c. ’S e eachdraidh anns an t-seadh is àirde sgeul fior mu ghniomh, mu euchd, is mu fhàs suas a’ chinne-dhaonna, mar tha an cinne-daonna ’na aon no ann an cinnich fa leth. Mar bhuill do ’n chinne-dhaonna tha sinn a’ gabhail tlachd coitcheann ann an eachdraidh mar chuspair meadhrachaidh. Oir tha sinn a’ faotainn iomraidh ann an eachdraidh air modh oibreachaidh cumhachdan agus feartan gineadail nàdur an duine. Chì sinn an sud reuson a’ tionnsgnadh agus ag gìulan a mach a chrìochan iomchuidh fein; agus mar an ceudna an toil, dian lasanta, do-lùbaidh is rag, no fulangach. A rìs tha e cho tlachdmhor leinn a bhi sealltuinn air féin-ghloir ’s féin-iarrtuis ’nan ròidibh ciontach agus a tha e bhi ag amharc air strì ionmholta an fhir aig am bheil gràdh agus math a dhùthcha a’ lasadh le cheile ’nan rùn teinnteach ’na chridhe. Oir ann an sud tha againn sruthadh a mach air dà haobh nàdur an duine; agus tha déigh againn air a bhi faicinn dhaoine ’nuair is miosa agus an uair is feàrr a tha iad. Cha ’n ’eil a bheag do eachdraidh is fiach againn anns a Ghàilig an taobh a mach do ranna ginealach is sgeulachdan nan seanachaidhean nach maireann. Cha deachaidh cnàimh eachdraidheil a chruinunich iadsan ri chéile a chòmhdach fathast le failuinn feòla ùr-dheiseach na h-eachdraidh. Thug Mac-Calum is Mac-Aoidh ionnsaidhean math air eachdraidh na h-Eaglais—mìr beag dhi co-dhiù—a thoirt duinn; agus thug Clann-Choinnich cùnntas nach dona air eachdraidh choitcheann ar dùthcha. Ach cha ’n ’eil an sud ach oidhearpan beaga làimh ris na sgrìobh Herodotus is Thucydides ’s a’ Ghreig, Livy is Tacitus ’s a’ Roimh, Guizot, ’s a’ Fhraing, agus Gibbon, Hume, is Mac-Aulai, &c., ann an Sasunn. Tha eachdraidh a’ Ghàidheil ’na thuinneachadh is ’na fhas is ’na thighinn a mach ann am Breatunn agus ann an Eirinn fhathast gun sgrìobhadh. II.—FEALLSANACHD. Is e feallsanachd, no gràdh gliocais no eòlais, aithne bhi againn air cliù cumhachdan ar n-eòlais, ar faireachduinean, ar n-iarrtuis, agus ar toilean. Cha ’n ’eil moran am measg nan Gaidheal ’nan seann sgriobhaidhean air na cuspairean so; ach tha beagan do litreachas ri fhaotainn mu chuid do na h-ealainibh a tha toirt eòlas duinn air feartaibh na talamhainn is air laghan a chruinne ché. Canar fealisanachd ris an so mar an ceudna; ach cha bhuin e anns an t-seadh is àirde do litreachas. Tha eòlas nan ealan so cho caochlaideach, cho diombuan, an diugh ann is am maireach às, no co-dhiu air ’atharrachadh, gus nach gabhar e a steach fo’n ainm litreachas. Cha ’n ’eil teagamh nach robh fios aig na seann Draoidhean air moran mu chuspairean nàdurra do’n t-seorsa so; ach chaidh a’ chuid is motha d’an eolas am mughadh maille riu féin. III.—EALANTACHD. Se còirichean agus leas a’ chinne daonna na cuspairean air am bheil ealantachd, no ùr-labhrachd, ’ga chleachdadh fein. Feudaidh ùr-labhrachd a bhi ann an òraidean a chaidh a labhairt no ann am feadhainn nach robh air an sgrìobhadh. A bhàrr air ealantachd shearmoinean gheibh sinn ùr-labhrachd air a cleachdadh a dhìon còirichean an t-sluaigh—an seorsa, an glòir no an onoir chineadail, an neo-eiseamalachd, agus gach ni aig am bheil feum coitcheann; mar an ceudna a chur ás do olc, a sheasamh an neo-chiontaich, agus a ghiùlan a mach gach òrdugh modhannail. IV.—BARDACHD. Is e bardachd co-chòrdadh eugnaidh ann an cainnt bhinn bhlasda eadar an saoghal faicsinneach am muigh agus an saoghal neo-fhaicsinneach a stigh—eadar dathan, cruthan is coslais a’ ché nàdurra agus faireachduinean, staidean, agus iarrtuis anam duine,—is e bàrdachd còrdadh aonachd is tuigse a thoirt a mach mar so à coltas agus à prionnsapalan saoghal nan spiorad agus an t-saoghail neo-reusonta. [TD 31] [Vol. 5. No. 5. p. 7] DOIMHNEACHD A CHUAIN—’N uair a sheallas sinn air aghaidh a’ Chuain tha sinn ullamh gu ’shaolsinn gu’m bhriagh am fearann a’ bhitheadh ann na ’n robh na h-uisgeachan as an rathad. Ach an aite leaba’ ’Chuain a bhi na chonard, ’s ann a tha ’n grunnd na shluic ’s na chnuic, na ghlinn dhomhain, s na bheanntan àrda mar a chitear o’n bheagan a leanas. A measg moran áitean ’s an deachaidh a thomhas ’s ’e so cuid dhiu. Tha doimhneachd a’ Bhaltic mu 20 Aitheamh: an Caol eadar an Fhraing a’s Sasuinn 50 Aitheamh; cuid do’n Mhedeterranean 800 Aitheamh; Baffin ’s Bay 1000 Aitheamh; taobh an Iar a’ Chip (Cape of Good Hope) 2,660 Aitheamh; taobh an Iar do Eilean St. Helena 4,500 Aitheamh—corr agus sia uibhir ’s a tha dh’airde am Beinn Neamheis! Tha e moran ni’s fearr géilleadh ann an nithibh beaga, na connsuchadh a dhùsgadh suas. Tha e ’na chleachdadh aig cuid a bhi ’seasamh gu dian air son an dlighe fein dh’ aindeoin a shuaraichead. Is minic tha ’n giulan so a’ togail aimhreitean nach furasd an casgadh. Tha beatha an duine tuilleadh’s goirid air son connsachaidh gu’n diu dhe’n t-seorsa so. Agus mar bi a’ chùis mòr agus cudthromach ’se a’s glice gu’n teagamh, agus a’s lugha trioblaid striochdadh ann an neoni, na bhi coireach an comhstri sam bith a dheanamh. Tha fior ghliocas “air tùs glan, agus an déigh sin siochail.” Tha Breatunn a lion beagan us beagan ’ga saoradh féin bho fhiachan. Anns a bhliadhna 1816, bha ’n ainbhfhiach cho àrd ri ochd ceud ’s ceithir fichead us ceithir muillein punnd Sasunnach (£884,000,000,) ach an diugh tha i na’s lugha na sia ceud muillein. An deigh blar Waterloo, bha da fhichead punnd s’a coig de dh’ ainbhfhiach air an dùthaich mu choinneamh gach duine bean us pàisde bha chòmhnuidh innte. An duigh cha’n eil mu choinneamh gach duine ach ochd puinnd deug. SLOINNTEARACHD.—Bha dithis iasgairean anns an dùthaich so uair a coimhead áir bàta bha fear dhiubh air ùr-cheannach. Ars am fear eile ris. “Co rinn am bata?” “Leòra, ’ille,” arsa fear a bhàta, “rinn direach Steaphain Mor mac Antoni ’ic Alasdair ’ic Eoghain Mhoir ’ic Dhughaill ’ic Dhomhnuill ’ic Iain ’ic Eoin ’ic Iain ’ic ’Illeasbuig ic Gille-Phoil ’ic Gille-Pheadair.” Tha ’n elephant air fas cho gann ann an Africa ’s gu bheil an Riaghladh Breatunnach a bruidhinn air fearann a chur air leth dhaibh anns am faod iad còmhnuidh ann an sith, agus far nach bi cead aig duine dragh sam bith a chur orra. Tha so gle iomchuidh, oir bhiodh e na chall am beothach a’s mo air an t-saoghal a leigeil bás gu buileach. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 32] [Vol. 5. No. 5. p. 8] Mort Ghlinne-Comhann. O chlàrsair dhomhsa, cuir an cèill Cia fàth do chaoidh ’s do chumha géur; Am fàs Ghlinn-Comhann shìos leat féin A bheag cha ’n éisd ri d’ cheòl-bhinneas: Do ’n cheò a shiùbh’leas bheil thu séinn, Do ’n chiar-dhamh luath mar ghath na gréin’, Do ’n iolair shuas an àird nan spéur Tha sgrèuchail séisd ri d’ òrainibh? Cha ’n eil, gheibh iadsan tàmh dhoibh féin; Bidh ’n coron ceò air bharr na beinn’, Bidh ’m fiadh ’n a chos, ’s ’n a nead bidh ’n t-éun Gun eagal beud bho shealgairean: Ach dhaibhsan, och! mu ’m bheil mo dhàn, Na beanntan glas, no coilltean fàs, No n t-slochd so fein nach faic an là Cha dheanadh sgàil bho mhealltaireachd. Bha ’m bratach fillt’, bha ’n druma balbh, Na madraidh féin bha iad ’n an tàmh, Ri neach a thig mar charaid gràidh Cha b’e an abhaist tathunnaich: Le ceileir ait bha phìob ri ceòl; Bu riomhach ribean-gruaig na h-òigh; ’S a cuigeal dh’ fhàg a máthair fòs A dheanadh còir bhean-tigheachd. An làimh a mheasg leò anns an tràth, An claidheamh ghlac aig uair na tàimh, A dhìoladh duais do chridhe blàth An fhir thug tàrmunn ’s aoibhealachd: Bho ’n teinntean theoidh gu càirdeil i Aig meadhon oidhch’ am bioran spìon A rinn an gleann so thoirt gu dìth Le lasraibh mìllteach boisgeacheil. Bha sgreadail bhan ri chluinn gun stà; Bior-chaoineadh leanaba ris n’ bhàs Na osnaich throm na’m fir ga’n cràdh Cha cheann’cheadh dàil bho’n chasgaireachd: An luath ghaoth gheamhraidh dh’ fhead’laich geur, An sneachd bha ’n oidhch’ ud air an fheur, Ged b’ fhiadhaich fuar bha iadsan féin Ni b’ iochdmhor gné nan Sachunnach. Bho chian a fonn mo chlàrsach chaill, Tha’ teudan tearc, tha ’fuaim ro fhann, ’S cha chluich i chaoidh ’s na coiltibh fas Ach truaigh a maighstir chiar-fhaltaich: Ged robh gach riobag liath ’n ’a teud ’S e mallachd thilgeadh iad gu lèir Ach gus an glaoidheadh Alb’ gu geur, “Gu’n diolar ceilg is fiar-bheartean.” —Eadar. le DOMHNULL MAC CALLUM. An Gille Dubh. SEISD.— An gille dubh cha treig mi, ’S le fear a’ chruidh cha teid mi; An gille dubh cha treig mi, O’n thug mi fein mo ghealladh dha. Tha mo chairdean deonach, ’S iad toileach mise ’phosadh, Ri fear airson a storais,— Nach gorach leibh ’n am barail iad! Is e mo ghaol an t-uasal A dh’ imich thar nan cuantan; Bu shealgair choileach-ruadh e, M’ an gluaiseadh iad ’s a’ chamhanaich. ’N uair dhireadh tu na stucan Le d’ ghunna caol nach diulltadh, Bhiodh coileach dubh na durdail A’ lubadh bharr gach meangain leat. ’N uair theid thu thun na feille Do ’n chlachan ri la greine; Cha ’n fhaicear measg uan ceudan Fear eugais a’ ghille dhuibh! Gur e mo ghaol an t-oigear Aig ’bheil a’ phearsa bhoidheach,— Troidh chuimir am broig chomhnaird Nach toir air feoirnein carachadh. Gur e mo ghaol an t-oigear Aig bheil a’ mheall-shuil bhoidheach; Gu ’n aithnichinn do cheum comunard, A mach air lòin a’ bhaile so. Gur e mo ghaol an t-armunn A chaidh a nunn thar saile; Na ’m faighinn cead mo chairdean, Gun dail gu ’n deanainn banais dhuit. Cha b’ ioghnadh mi bhi ’n toir ort, ’S do ghruaidhean mar na rosan; Do chneas mar chanach lointean, ’S mar ite ’n eoin do mhalaidhean. ’S ann an raoir a rinn mi bruadar Am chadal air a’ chluasaig— ’S a’ mhadainn, ’n uair a ghluais mi, Gu ’m b’ fhada bhuam an gille dubh. Gur mise th’ air mo lionadh, ’Bhi cuimhneach air do bhriathran; Gu ’m b’ fhearr nach fhacas riamh thu, Ma thug thu ’m bliadhna ’n car asam. Ma rinn thu mise ’threigsinn Le comhairle luchd-breige, Cha ’n fhiosrach mi fo ’n ghrein Ciod am feum a th’ anns an leannanachd. Ma rinn thu mise ’threigsinn Le comhairle luchd-breige, Mo mhile beannachd fein leat O’n ’s e gu ’m b’ eudar dealachadh. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; Ma ruigeas tu stor D. J. DOMHNULLACH Air Straid Wentworth chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic GLE SHAOR. Nuair a thig thu do ’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhea gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu DEAGH BHARGAN. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Am bheil thu gabhail Mhic-Talla? mu eil Cuir ’ga iarraidh $1.00 sa bhliadhna D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. [TD 33] [Vol. 5. No. 6. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 8, 1896. No. 6. COMUNN GAILIG INBHIRNIS. Coinneamh Chairdeil. Tha an comunn so a’ coinneachadh gach bliadhna air feasgar Diordaoin, a’ chiad latha de mhargadh na cloimhe, an Inbhirnis. Air an fheasgar so tha àireamh mhòr de luchd-reic is ceannaich a’ tighann do’n Bhaile, agus ged a tha mòran diubh aig nach eil facal Gailig bidh iad mar a’s trice, aig a’ Choinneamh Chairdeil. Aig a choinneamh so tha ’n aireamh a’ mò de na h-òraidean agus de na h-orain ann am Beurla, do bhrigh gu bheil an àireamh a’s mò de’n t-sluagh a bhios a’ làthair gun aon fhacal Gailig ’nan cinn. Agus feumar aideachadh gu bheil mòran diubhsan aig am bheil Gailig cho suarach mu deidhinn ’s gur fhearr leotha na h-òraidean agus na a-òrain a bhith ann am Beurla na ann an Gailig. Air an t-samhradh so b’ e an T-Urramaeh A. Stiubhart, D. D., a Bun-Lochabar, a bh’ anns a’ chathair. Thug e seachad òraid a bha fior thaitneach agus deadh chainnteach, mar bu ghnàth leis a dheanamh. B’ anns a Bheurla a labhair e: oir, eadhon aig Coinneamh a’ Chomuinn gach samhradh is i a’ Bheurla a dh’ fheumas an t-àite a’s urramaiche fhaotainn. Is e sgoilear Gailig fior mhath a th’anns an Dr. Stiubhart; och is e fior bheagan Gailig a sgriobh e riamh. Tha e na sgriobhaich Beurla neo-chumanta math. Cha ’n eil crioch air na bheil de naigheachdan eibhinn aige, agus innsidh e iad ann an doigh cho eibhnn ’s nach mòr nach tugadh e gàire air gamhainn. B’ ann air Mr. Mac Bheathain a mhaidich luchd-riaghlaidh a’ Chomuinn gus an òraid Ghàilig a thoirt seachad. Ach gu mi-fhortanach thachir gu robh e tinn air an fheasgar ud. Thug Mr. A. Mac Coinnich, deasaiche a’ Ghaidheil Albannaich, (no a Chlaeh, mar a theirear ris gu cùmanta), seachad an òraid Ghailig. Sheinneadh an sin beagan de dh’ òrain Ghàilig. Bha ceol is dannsa aca; ach cha robh a dannsa ach beagan de na gillean òga Gaidhealach a bha làthair. Bha na h-òganaich so air an éideadh o am bonn gu ’m bathais ann an deiseachan Gaidhealach. Cha’n anns a h-uile àite a chiteadh an leitheidean. Mar a tha fhios aig mòran, is e Niall Mac Leoid, an Duneidionn, Bard a Chomuinn. Tha e ’deanamh òrain do’n Chomunn gach bliadhna. So agad an t-òran a rinn e am bliadhna:— COMUNN GAILIG INBHIRNIS. Tha samhradh eil air teachd mu’n cuairt, Tha ceòl ’us luathghair feadh nan crann; Tha maise ’sgeadachadh nam bruach, Tha trusgan ùr air cluain ’us gleann. Tha clann mo rùins’ a rithist cruinn Am baile rioghail tir nam beann; A deanamh iomradh air na suinn, ’S air eachdraidh bhuan nan linn a bh’ ann, A chumail suas na Gàilig bhinn, ’S a h-ionmhasan gun dith gun chearb; Seasaidh a cliù bho linn gu linn Air chuimhne mhaireannach nach searg. Canain nam bladhnaibh cian a thriall, ’S a gniomharan cha teid air chùl, Tasgaidh ar ’n anam cainnt nan triath, ’G a h-altrum suas le miadh ’us mùirn. Dh’ fhag iad an eachdraidh glan ’n deigh, Dhearbh iad an treubhantas gu tric; Leanadh an sliochd air luirg an ceum Gu fearail, fiùghail, gleusda ghlic. Cho fad ’s a shiubhlas uillt gu cuan, Cho fad ’s a bhuaileas tonn air traigh; Biodh clann mo dhuthcha’ ’s cainnt mo sluaigh A’ chonadh buaidh fo àl gn àl! Gu mu fada Niall còir beò gu òrain a dheanamh! F. O. S. 17, 7, ’96. Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH,—Feumaidh an gobha an t-iarrunn a bhualadh am feadh a bhios e dearg, oir mur buail, cha’n urrainn e ’n cumadh a bu mhath leis a chur air. ’S ann mar sin a tha mise. Mur sgriobh mi fhad ’sa bhios a shunnd orm, tha mi, coltach ris an iarunn ’nuair a dh’ fhàsas e fuar,—duilich toirt orm tòiseachadh air sgriobhadh. Tha ’n t-side gu math blàth, agus cha’n fhada gus am bi am foghradh againn ’na làn theas. Tha ’m bàrr moran na’s fhearr na bha daoine ’smaoineachadh a bhitheadh e. Thainig uisgeachan gu math fliuch, agus rinn iad moran feuma. Ach tha glaodh a chruadail ann le gainnead airgeid,—prisean iseal, ’s gu de nach eil ann; biastan air a bhuntàta, agus a nise gaiseadh a tigh’n air a chruithneachd. Tha mi fua’sach toilichte fhaicinn gu’n d’ fhuair am MAC-TALLA deis’ ùr, agus gu bheil i na’s modha dha na bha ’n t-seann te. Le bhi mar sin thug i comas dha fàs na bu mhotha, agus gu cinnteach tha e nise na phaipear maiseach, agus rùmail gus ar litrichean a dheanamh na’s motha—agus cha ’n eil sin furasda. Bi’dh Dughall Mac Gilleain toirt dhomh leasain air uairean air mar is còir dhomh Gàilig a sgriobhadh. Na’m biodh pàirt dhe na tha ’sa cheann aige ’se cheann agamsa, agus pàirt dhe na tha ’sa laimh agamsa ’sa laimh aigesan, dheanamaid le chéile eachdraidh mhor a chuir g’ ad ronnsuidh, oir bhiodh againn le chéile gu leòr agus ri sheachnadh an deigh an roinn a dheanamh. Cha n eil moran de naigheachdan agam an dràsda dhuit, oir am bitheantas is math leis an luchd-leughaidh na naigheachdan a bhi air an sgriobhadh ann an cainnt bhlasda, agus tha eagal orm nach comasach dhomhsa sin a dheanamh. Air an 12rra latha de ’n mhios a dh’ fhalbh, chaochail Seumas Camaran, aois tri fichead us ceithir bliadhna. Rugadh e ann am Muile. Thainig e do’n dùthaich so o cheann da fhichead bliadhna. Bha e ’na dhuine caoimhneil, càirdeil. Chunnaic e chuid bu mho de theaghlach air an toirt bhuaithe leis a bhàs mu’n d’ fhalbh e-fhéin. Tha iad ag radh gu bheil an corca a reic air deich sentichean am buiscal. Aig a’ phris sin cha ’n fhiach do dhaoine dol a chosg ri bhualadh. Bidh ’n crodh ’sna h-eich gu math reamhar air a’ gheamhradh a tha romhainn. Tha cuìd nhath fheòir ’sa choimhearsnachd so. Tha fear laimh rium do’n ainm Hinks, Sasunnach, agus tha da fhichead tunna aige, agus tha e coltach ris an fhear nach reiceadh a chearc air latha fliuch—cha reic e e gus am faigh e pris mhor air. Tha mi smaoineachadh gu’n dean mi sgur an dràsda. Sgriobhaidh mi an ùine gun bhi fada rithist, agus feuchaidh mi ri naigheachdan ùra bhi agam dhuit. Do Charaid Dileas, IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, Ont., 29, 7, ’96. Bha duin’-uasal a dol seachad air amhainn araidh, agus chunnasc e Eireannach ’na sheasumh air cloich gu dian ag iasgach ann am pòll mòr, domhain a bha roimhe. “Tha thusa an sin ,a Phat, a’ cur gu tréun ris an iasgach; is cinnteach gur taitneach, grinn, gasda an sruth sin air son nam breac.” “Ochan! a’ ghraidh mo chridhe, is esan a th’ ann sin oir bha mi ’nam sheasamh an so, o cheann tri uairean a dh-uine, agus cha’n fhàg seolag dhiubh am poll. [TD 34] [Vol. 5. No. 6. p. 2] SILIS NIC-COINNICH. SEAN SGEUL GHAIDHEALACH. (Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.) VI. AIR taobh thall na h-aibhne mu choinneamh a’ Chaisteil, bha, a reir dualchainnt an aite, duthaich eile nach buineadh do oighreachd Chlann-Choinnich. Is i an abhuinn ud a bu chomharradh-criche eotarra. Air an taobh ud de’n abhuinn, goirid bho ’n Chaisteil, bha ceatharnach foghainteach a chomhnuidh, d’ am b’ ainn Mangan Mac-Rath—muilleir Lag a’-mhuilinn. Anns na laithean ud, cha robh muilnean na Gaidhealtachd—le an clachan, le an acfhuinn, le an cuibhlean, le an linnteachan uisge agus le an tuildhorsan, air an togail, no air an deilbh cho diongmhalta, cho snasmhor agus cho ealanta agus a tha iad a nis. Is ioma tuil ghailbheach a chunnaic Mungan; ach bi a bharail, mar theireadh e, “Nach facas riamh o laithean Noah, agus nach faicear tuille gu latha ’bhreitheanais leithid na tuil a thainig le aiteamh na Nollaig air a’ bhliadhna ud.” Chuir i Mungan ’n a chabhaig, oir bhruchd i thairis le maoim air callaidean-taobh na linne-mhuilinn air chor agus gu ’n robh am muileann agus gach tigh eile a bhuineadh dha, ann an cunnart a bhi air an sguabadh air falbh. Thug e ’mach a bhean, a mhac agus a nighean, a dh-fheuchainn ciod a b’ urrainn iad a dheanamh gu bhi ’tionndadh an uisge seachad air a’ mhuileann, le bhi a’ torradh suas callaid-dhidein air culthaobh na comhla-uisge, le maidean, le clachan, le sgrathan agus le lòid de ’n inneir as an dun-aolaich. Bha Mungan a’ cur na smuid dheth, a’ camadh agus a dinneadh ri cul na comhla-uisge, gach ni a thigeadh gu ’laimh; agus a’ smàdadh ’s a brosnuchadh a luchd cuideachaidh gu barrachd adhartachd agus dichill. “A bhean gun mhath, siuthad, siuthad, crom do dhruim ris an obair; na biodh eagal ort do lamhan min a shalachadh; bi falbh gu luath agus lion gaca poca a tha anns a’ mhuileann leis an innear; luathaich do cheum, bi grad-charach. A Sheonaid, a ghleosgaid bhog, luideach, ciod e air am bheil thusa a’ smaointeachadh? Mar is beo mi; cha ’n ’eil os cionn deich clachan de ’n inneir agad anns a’ phoca sin air do dhruim. Uisdein, a shlaodaire leisg, cha tusa dad is fearr na cach; nach ’eil thu ’faicinn mar tha sinn an impis a bhi air ar sguabadh air falbh as an t-saoghal, mur dean thu barrachd dichill.” “Athair, an bheil urchair anns a’ Cheapaich?” “Mo mhile mallachd ort, a bheisd gun chiall, gun naire. Is beag na bheireadh orm do chlaigionn a bhristeadh; ciod e a tha dhith ort a dheanamh leis a Cheapaich aig an am so?” “Chi mi coslas eala bhreagha a’ tighinn a nuas leis an t-sruth.” “Ruith, cho luath ’s a rinn thu riamh; greas ort; tha a’ Cheapach daonnan lán, gu tioram, glan; greas ort, agus cuiridh sinn smuid ris an eala, ciod air bith a dh’ eireas do ’n mhuileann.” “O! a Mhuire ’s a Righ! Cha ’n i eala a th’ ann, ach boirionnach baite.” “Obh! obh! nach mise an duine truagh ’n ur measg. Ciod a thainig ri Uisdean; ciod a tha ’g a chumail cho fada; agus sibhse, a luidean boga, gun tapadh, gun chruadal ri am na h-eiginn, ach caoineadh agus bas-bhualadh.” Anns an dol seachad, rinn Mungan greim bais air a’ chorp, agus ann am priobadh na sul, shlaod e gu tir e; ach ’n uair a sheall e mu ’n cuairt, bha a bhean, agus a nighean a’ teicheadh uaithe cho luath ’s a bheireadh an casan iad. “C’ aite a nis am bheil sibh a’ dol, a’ chreutairean gleadhrach, neo-smaointeachail. Pillibh agus cuidichibh leam a giulan a stigh. Na cluinneam tuilleadh d’ ur donnlaich. So, a nis, glacaibh mo dha laimhse; leigibh sios a ceann, a dh’ fheuchainn an cuir i mach pairt de ’n uisge a tha air a giulan; cha ’n ’eil fhios nach faod an deo bhi innte fhathasd.” “O, a Mhungain, na dean sin, cum suas mo cheann; cha’n ’eil moran cearr orm: cha deachaidh mo cheann riamh fodha ’s an uisge.” “O, mo chreach ’s mo dhiubhail!” arsa Mungan, “cho cinnteach agus a theid mise chur air m’ fhocal aig a bhreitheanas mhor, is i baintighearna uasal Eidirdeil a tha againn. Gu ’m beannaich an t-Athair Naomh sibh; ciod e a chuir an so sibh; cia mar a thainig sibh; an cualas riamh a leithid?” “Thainig mi direach mar a chunnaic thu; coma co dhiu, cuir ann an leabaidh bhlath mi, agus innsidh mi dhuit an t-iomlan ri h-uine; oir bha taisdeal eagalach agam a dh-ionnsuidh do thighe-se; turus cabhagach da-rireadh. Cha ’n ’eil thar mionaid de thim bho ’chaill mi greim air laimh a’ Mhoraire, a’ dol thairis air an drochaid-mhaide.” Cha b’ fhada gus an robh Silis air a cluthachadh gu seasgair comhfhurtachail ann an leaba bhlath, thioram a’ mhuilleir, agus air a h-eiridinn leas gach curam agus frideam a b’ urrainn a theaghlach caoimhneil a bhuileachadh oirre. Dh’ asluich i orra a’ chuis a chumail ann an diomhaireachd gus am faiceadh i iomchuidh i fein a dheanamh aithnibhte; ach cha deachaidh i am feobhas cho luath ’s a bha duil aice. Thug an clisgeadh uamhasach a fhuair i, caisleachadh goirt d’ a caileach agus d’ a h-inntinn. Bha i air a cur thuige gu mor le amharus paintach gu’r h-e am Moraire, e fein, a thilg thar na drochaid i. Cha b’ urrainn i an t-amharus so, a rinn deargadh craiteach air a cridhe, a dheanamh aithnichte do theaghlach a’ mhuillear; ach chuir i roimpe fuireach leo ann an uaigneas folaichte, gus an cluinneadh i ciod an cunntas a bhelrteadh leis a’ Mhoraire agus le a chairdean mu thimchioll a bais. An deigh beagan laithean, thairg i duais mhor do Uisdean, na ’n gabhadh e os laimh dol gu h-uaigneach a dh-ionnsuidh a’ chaisteil, agus sanus a thoirt d’a comh-dhalta, Oighrig Nic-Coinnich i ’thighinn g’ a faicinn. “Mo chreach leir?” ars’ a mhathair, “Is beag a ruigear a leas duais bheag no mhor a thairgseadh do Uisdein còir airson dol air gnothuch uaigneach gu Oighrig Nic-Coinnich. Tha mo ghille math ni ’s trice ann an cuideachd Oighrig, na ’chithear ’s an Eaglais e; cha bu duais fhaoin a chumadh uaipe e; agus tha ise cho seolta agus cho cuireideach agus nach d’ fhuaradh a mach iad riamh fhathasd, aon chuid leibhse, no le neach eile timchioll a’ chaisteil. Theid mise an urras dhuibhse, nach ‘ceum air ghàig’ le Uisdein dol leis an teachdaireachd gu Oighrig; ach ma ghabhas e aon ruadh-bhonn copair airson a shaothair, beathaichidh mise e air dubh-bhrochan eorna, gun im, gun bhainne gu ceann mios an deigh so.” An uair a chuala Oighrig bhochd, sgeul Uisdein, bha a cridhe an impis sgaineadh le aoibhneas, ghuil i gu frasach, agus phaisg i a lamhan geala mu mhuineal garbh a’ mhuilleir, phog i e; ach cho robh furas no foighidinn aice airson a bheag d’ a bhriodal aig an am ud; ann an tiota, bha i deas, agus ghoid i air falbh le Uisdein, a dh’ fhaicinn a caomh bhan-charaid. Cha bhiodh e comasach cainnt a chur air na faireachduinnean measgaichte leis an do choinnich Silis agus Oighrig ri ’cheile, n’ an aonar, ann an seomar samhach Mhungain Mhic-Rath. Aig a’ choinneimh ud, dh’innis Oighrig gu saor d’ a bancharaid, a mheud agus a b’ aithne dhi de gach comh-chordadh, agus de gach innleachd dhorcha agus dhroch-mheinneach a bha air an deilbh le maithean a’ chinnidh, gu dealachadh a chur eadar i fein agus a ceile uasal, beo no marbh; agus mar an ceudna, cho daingean agus cho dileas ’s a sheas am Moraire an aghaidh an uile chomhairiean, a dh-aindeoin gach bagraidh agus dian-iarrtuis leis an do sharuich iad e d’ a taobh o chionn bhliadhnachan; gus mu dheireadh an do bhuadhaich iad air gu aontachadh ris an turus chrabhaidh ud gu uaigh Naoimh Bhothain; agus gu ’r h-e Carnach, gu sonruichte, le cuideachadh mac a bhrathar—Bar-a’-mhuilinn—a thilg thar na drochaid i; agus gu ’n do ghiulain iad am Moraire eatorra ann an riochd mairbh, air ais do ’n chaisteal; agus nach b’ fhada gus an d’ thug iad air a chreidsinn gu ’m b’ ann le a saorthoil fein, fo eagal breisleachail, a leum i thar na drochaid mhaide. Thug am fiosrachadh a fhuair Silis bho Oighrig, faothachadh agus lan-shaorsa dhi bho gach amharus leis an robh i air a sarachadh a thaobh neochiontas agus treibhdhireas a’ Mhoraire; agus air dhi a nis, a bhi lan-earbsach ’n a dhilseachd agus ’n a ghradh, bha i caoin shuarach mu gach ni, no neach a dh’ fhaodadh a bhi ann an droch run dhi, air uachdar an t-saoghail. Mu ’n do dhealaich i fein agus Oighrig, rinn iad suas eatorra, an oidhche, agus an uair, air an tilleadh i dhachaidh, ann an cuideachd, agus fo sheoladh Oighrig. Thachair so oidhche [TD 35] [Vol. 5. No. 6. p. 3] no ’dha, mu ’n robh Oighrig air a ceasnachadh leis a’ Mhoraire, an lathair nan uaislean; agus bha e air a choimhlionadh gu seolta, sgiobalta le tapadh Oighrig, mar a chaidh ainmeachadh cheana, agus mar an ceudna, a’ chrioch eagalach gus an d’ thainig e. An uair a chaidh iad a mach a shealltuinn as deigh nan uaislean a leum troi an uinneig bha Oighrig, gun sgath gun eagal air toiseach na cuideachd, le leus ’n a laimh. Fhuair iad Carnach ’n a shineadh eadar an caisteal agus bruach na h-aibhne; bha e cheana marbh, oir bha e as an amhaich, agus a chorp air a phronnadh gu deistinneach. Goirid o ’n aite ’s an robh Carnach ’n a luidhe, fhuair iad Bar-a-mhuilinn air a dhroch bhruthadh ach cha robh e marbh. An deigh dha dol am feobhas, dh’ aidich e do Shilis, an t-iomlan de gach innleachd mhallaichte a bha air an runachadh leis na maithean airson a cur as an rathad. Air dhi a thuigsinn, nach b’ ann le falachd no le mi-run d’ a taobh fein, gu pearsanta, ach le suil ri leas coitchionn a chinnidh, a bha iad air an gluasad gu feuchainn ri a dealachadh bho ’n Mhoraire, thug Silis saor-mhaitheanais dha; agus le a h-eadarghuidhe as a leth, fhuair e as gun pheanas; ach bha e’n a eirbhleach crubach cho fad ’s bu bheo e. Tha an t-aideachadh a rinn e do Shilis, ’n a thaisbeanadh riochdail air dilseachd uaislean nam fineachan Gaidhealach d’ an iochdarain, anns na laithean a dh’ fhalbh. Dh’ innis e dhi nach b’ ann gus an d’ fhairslich orra, an deigh ioma deuchainn, am Moraire eigneachadh gu dealachadh rithe, agus bean eile a ghabhail ’n a h-aite, a smaointich iad air an turuschrabhaidh gu uaigh Naoimh Bhothain, a dh-asluchadh air, na ’m b’ fhior, ise a bheannachadh le leanabh mic, a bhiodh ’n a cheann-feadhna do ’n fhine ann an aite ’athraichean; ach gu ’r h-e a bha da-rireadh ’n an run, nach tilleadh, aon chuid, i fein no aon de na mnathan-coimheadachd a bha gu bhi comhla rithe beo air an ais bho ’n fheisd chrabhach ud. Cha robh e riamh ’n an run, a bathadh; gus a’ mhionaid air na d’ fhuair iad i air mullach na drochaid-mhaide. Bha searrag de fhion puinnseanaichte aca, a bha gu bhi air ’òl le Silis agus leis na baintighearnan ard-inbheach eile a bha gu bhi ’n a cuideachd, a cupan-comanachaidh òir; oir mar nach biodh e comasach dhoibh eadar-dhealachadh a dheanamh, chuir iad rompa gu ’n iobradh iad beatha gach aon de na baintighearnan eile, gu iad fein a shaoradh bho amharus d’ a taobhse. Ach is e deireadh mo sgeoil a’ chuid is fearr de ’n iomlan. Co aca is ann o bhi a’ cadal fad cheithir-la-deug air leaba chruaidh fhraoich, no le bhi air a beathachadh re na h-uine ud air brochan-bainne agus im; no co dhiu a bha no nach robh buaidhatharrachaidh aig a ghàbhadh troi an denchaidh i ’n a cuairt eagalaich air uchd na tuil gu Lag-a’-mhuilinn, air a caiieachd agus air a slainte —coma, co dhiu—mu ’n deachaidh bliadhna eile thairis, rugadh nighean dhi, agus ri h-uine, dithis mhac. Chaith i fein agus a companach uasal feasgar an laithean ann an sonas agus ann an siochainnt; chaochail iad aig seann aois, ann an urram agus ann an ard-bhiuthas; ach tha an gineil gus an latha an diugh, fhathast ann an seilbh dhligheach air cuibhrionn chuimseach da sheann oighreachd fharsuing, iomraideach Eidirdeil. —Muileach ’sa Ghaidheal, 1874. A’ CHRIOCH. MU SHEALG DHEIRINNEACH OISEIN. Bha Oisian na shean aois ann an Tigh a muigh na aonar ann am Baile gan ainm Gleann-caoin-fheoir an Sgithreachd Thorasa. Chuir Pàdruig agus nighean Oisian, cul ris, le ro mheud sa dhichidh e. Chair Pádruig cuireadh air Oisian athir-ceile chum feusd a dh’ umhluiche do dhream araid dheth na cairdibh. Chuir aon do na daoinibh oga, reasgach a bha nan suidh aig an fheusd, aig an robh Calpa Feidh ga chreim, a cheist air Oisian a faca e riamh calpa feidh bu mho nan calp ud. Rug Oisian air a chalpa agus mheurich e e, oir bha e na dhall an uaìr sin. Agus fhreagair e ’n t-oganach, agus thubhairt e ris gu fac e calpa Luin moran ni bu mho, agus gum b’ aithne dha ’n t-aite ’n robh e, mar a bhi dith na Leirsin. O! se ’n t’ amadan truadh ars a nighin a fear ata tabhairt creideis dhuit led Bhosd agus led Bhriagaibh. Thug i an togail ghrad sin air Eachdraidh na Feinnidh bha sgriobht’ aig a companach Padruig, agus thilg i ’n t-iomlan ann am meadhoin ’n teinidh, agus chaidh iad re theinidh, mun do rug iad ach air ro bheag a shabhaladh dhiubh. Bha Padruig ro dhuilich air son. Mata ars Oisian dearbhidh mise dhuibh, gar i ’n fhirinn ata agamsa. Agus a Phàdruig mo cheadichis tu dod mhac falbh leamsa lorgadh mi mach fathast Calpan Luin. Dh’ aonntuich Pádruig a leigidh leis. Dhalbh Oisian agus mac Phàdruig, ga ’m b’ ainm an Gille-blar-odhar. Choisich iad gu iochdar Beinn an t-sealluidh, agus thog iad a mach ri achadh gan ainm Lurg Iarinn. Thubhairt Oisian ri odha ciod e laochain a thu nis a faichdinn, oir tha mi cluinntinn monmhor bruidhne. Tha ars odha daoine tha air Seisrich lamh rinn. Thoir mise laochain an rathid a tha iad; rinn odha mar a dh’ iarr e air. ’S math a gheibhar sibh fhearamh ars Oisian. Tha sinn a deanamh mar dhaodas sinn ars a na fiolr. Thoir dhomh do lamh ars Oisian ris a chrannaorean cha tabhair ars odha, ach thabhair an colltair’ as a chrann, agus thabhar dha e. Rinn an duine mar sin, agus ghlac Oisian ’n colltaire agus lùb e air a cheil’ e. Na dheidh sin tbog iad a mach re màm bradhadil, agus theirinn iad air Leitir Luin, air a bheil an t-ainm sin gus an la ’n diu’. Deir Oisian re odha bi furachair a faic thu seana chraobh mhor dharuich agus cos na taobh. Thuair an Gille-blar-odhar i gun ro mhoran saothrich, le seoladh a Shean-athir. Chuir Oisian a lamh a stigh sa chòs ’us thug e mach as calpa ’n Luin. Dh’ imich iad rompa mach as a choillidh. Seall a laochain ars Oisian a faic thu cnoc mor anns a bhlar an iochdar na coille. Chi ars odha. Treoruich mis’ ’n sin ars Oisian. Se ainm a chnoic sa Ceann a chnocain. Cnoc-fraorc bu ghnath leis an Fheinn a bhi a tathich gu tric ann sma linnibh roimhe sin. Ceart lamh ris a pholl na thoidhluichd Fionn athair Oisin an coire ris an canar gus an la ’n diù’ poll choir Fhinn. Thuigh iad air a chnoc agus ghabh iad mo thamh an sin re na h-oich’. Ghuidh Oisian gu duthrachdach gum biodh Biorach-Mac-Buidheag an t-aon chu bu dona bha riamh san Fheinn air dheonuchadh dha. Mhosguil e mu dheiridh na h-oich’ ’us e mothachadh trom air muin a chos, agus dh’ athnich e gun d’ fhuair e athchuimhnich. Dh’ fhan e mar a bha aige gu briseadh na faire. Dhuisg Oisian an Gille-blar-odhar, agus thug Oisian eibh na iolach mhor as a chuir geilt-chrith air gach creutair gluasdach a bha anns na coilltichean man cuairt dha. Ciod e chi thu ars Oisian ris a Ghille-bhlar-odhar? Tha mi faicinn aireamh lionmhor do chreutairibh beaga seang ruadha. Leigidh sinn seachad iad sin deir Oisian. Cha ’n eil a sin a Laochain ach sliochd na Luaithe-Luinnich. Thug Oisian an ath-éidh as. Ciod e nois a chi thu laochain. Chi mi ars odha na h-urid do bheathichibh seanga donna. Tha sin sliochd na Deirge-Dasnuiche. Leig sin seachad fathasd. Thug e an treas èidh as. Dh’ fheoruich e da odha ciod e bha e faicinn. Tha mi faicinn ars odha moran de fheidhibh troma-donna. Bi stuig Biorachmachd buidhaig. Re siubhal a laochain a faic u ’n cu a tighin. O! chi mis e ars an Gille-blarr-odhar agus a chraos fosgailt. Cha neil mo chuileins buidhich seilge fathasd agus marbhich e sinne. Ach feuch a stiur thusa mo lamhs a stigh na bheul nuair a thig e ’m fogasg. Rinn e mar a dh’ iarr Oisin air, agus chuir e lamh na chraos ’us mharbh se e. Tha air a nis mi far a fac u na feidh a tuitim. Chruinnich e leis iad air mullach a ghualinn ’us air uallich a dhroma, gus an ruig e ’n cnoc air an do chaidil iad an oiche roimh sin. Chuir iad suas an turhach. Chruinnich iad connadh. Chuir iad na feidh as bein. Thog Oisian Coir Fhinn athair as a pholl ’us bhruich iad na feidh. Nis a laochain ars Oisian ri odha fan thusa fad na laimhe uamsa man ich mi thu ’n riochd toitein. Mo gheibh mise mo leoir an diugh cha bhi dith na failinn ortsa r d bheo. Ma b’ fhior na fuidhidh e leoir an la sin gum fàsadh e ogail, laidir, neart-mhor treubhach. Bha ’n fhagails aiga on leannan Shith. Bha crios ma mheadhoin air son a bhrù theannachd air a cheila. Bha naoi tínnachan dhe ’n chrios air a chuir seach a (Air a leantuinn air 39 taobh.) [TD 36] [Vol. 5. No. 6. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, OGUST 8, 1896. Tha an t-Onarach Wilfred Laurier a nise na Phriomh Mhinisteir air Canada, agus tha e fhéin ’sa phàirtidh a’ riaghladh na dùthcha. Tha a phàrlamaid ri suidhe air an naodhamh latha deug dhe’n mhios, ach roimhe sin tha aig a Phriomh Mhinisteir ’s aig na ministeirean eile tha còmhla ris ’sa chabinet ri bhi air an taghadh a rithist le sluagh nan siorrachdan a thagh iad air a mhios s’a dh’ fhalbh. Iadsan nach robh air an taghadh an uair sin, feumaidh iad àite-suidhe fhaotainn o shiorrachd air chor-eigin, oir cha ghabhar riutha mar mhinisteirean gus an taghar iad. Cha’n eil dùil ri fior mhoran a bhi air a dheanamh aig suidhe na pàrlamaid air a mhios so, ach a mhàin gnothuichean a chur air dóigh a thaobh riaghladh na dùthcha chumail air adhart gus am bi i cruinn a rithist. Aig suidhe na pàrlamaid toiseach na bliadhn’ ùire, tha dùil aig an Riaghladh ur ri caochladh atharraichean a dheanamh a tha iad a’ meas a bhios a chum feum na dùthcha, ach gus a sin theid cùisean air adhart direach mar a bha iad a’ deanamh roimhe so. Tha Mr. Laurier ag gealltuinn na còmhstri a thaobh sgoilean Mhanitoba a chur air dòigh gu siochail agus air mhodh a chordas ris na h-uile an taobh a stigh de shia miosan. Tha muinntir nan Stàitean a nise gu bhi ann an teas ’s an cruas blàir an taghaidh. Tha na Republicans an deigh McKinley a roghnachadh air son a bhi ’na Cheannsuidhe air an dùthaich, agus tha na Democrats an deigh Bryan a roghnachadh. Eadar an dithis so bidh an cath cruaidh agus searbh, oir tha iad le chéile ’nan daoine tapaidh, agus gle ghleusda air an teangaidh, ach cha ’n eil teagamh nach e McKinley a gheibh buaidh. Tha factoridhean nan giomach air dùnadh. Tha an lagh a bacadh gin a ghlacadh an deigh a cheud latha ’n fhoghar. Cha ’n eilear a ceadachadh an glacadh am bitheantas na’s anmoiche na meadhon Inlaidh, ach air do ’n t-side bhi gle stoirmeil air a bhliadhna so, fhuair na h-iasgairean cead a bhi riutha gu toiseach Ogust. A dh’aindeoin sin cha deach urad dhiubh a ghlacadh ’sa chaidh an uiridh. Bha na Sineich a dòrtadh cho tiugh à stigh do Chulombia Bhreatunnach ’s gu’n do dh’òrduich an Riaghladh cis leth-cheud dolair a chur air gach aon dhiubh a thigeadh dh’an dùthaich. Ach tha e coltach nach eil sinn gu leòr gus an cumail a mach, oir tha muinntir na mor- roinne ’n drasda deanamh suas tagradh gus a chur air beulaobh pàrlamaid Chanada ag iarraidh gu’m bi a chis air a h-àrdachadh o leth-cheud dolair gu coig ceud dolair. Tha e coltach gu feum an Sineach fuireach air a chriochan féin an deigh so, air neo gu’m bi an gnothuch gle chosgail dha. Tha na Staitean o chionn iomadh bliadhna a’ cur cis throm orra; ’s iad a thoisich air sin a dheanamh an toiseach. Cha’n eil Riaghladh Bhreatunn o chionn treis a dh’ùine ach gle lag. Tha barrachd mor de na fir-pharlamaid leis a’ phàirtidh a tha riaghladh (na Tories) na tha leis a phairtidh a tha ’nan aghaidh, ach ged a tha cha’n eil an neart a réir an àireamh agus air an t-samhradh so b’fheudar dhaibh “bill” no dha a leigeadh seachad a bha lan rùn aca dheanamh ’na lagh. Tha riaghladh na seann dùthcha ag atharrachadh gu math tric, agus theagamh nach misd i sin dad,ach ge b’e co phàirtidh a bhios a stigh, tha an dùthaich a’ soirbheachadh, agus an Iompaireachd a’ dol na’s farsuinge ’s na’s saoibhire; tha laghannan agus reachdan matha air an deanamh, agus tha Breatunn ag gleidheadh a h-àite os ceann rioghachdan an t-saoghail air fad. Litir o Fhior Ghaidheal. A CHARAID:—Gheibh thu anns an litir so dolair, pris bliadhn’ eile dhe dò phaipear gasda, am MAC-TALLA. Cha’n ann a chionn gu bheil ni gle mhath air a’ Ghàilig a tha mi ’ga fhaotainn, ach a chionn gu bheil mi air son a bhi ’gad chuideachadh anns an oidhrip chliùitich a tha thu toirt air a bhi cumail beò na Gàilig, a chainnt rioghail, bhrioghar, bhlasda, a bha ’n cleachdadh aig na daoine o’n d’thainig sinn. Tha mi ’ga fhaotainn riamh o’n thainig e mach an toiseach, agus tha mi ’n dòchas gu’m bi mi ’ga fhaotainn fhad ’sa bhios mi comasach air a phàidheadh. An dòchas gu ruig an litir so a ceann-uidhe gu sàfhaille, is mi. Ur Caraid Dileas AONGHAS MACAONGHAIS. Georgeville, N. S. Na cuir fios air fear-comhairle le run fantuinn co’-dhaingnichte ’nad bharail fein. Dh’ fheudadh tu ceart co maith fios a chur air leigh ’nad’ thinneas agus òrdugh a thoirt dha ciod a’ ghné leigheis du chòir da a thoirt dhuit. Na biodh uaill ’nad’ chridhe gu’n d’ rinn thu ni sam bith a ta gu sonraichte glic, oir feudaidh cùisean a nochdadh an deigh so, gu’m bi an nì sin gu sònraichte amaideach. Na deanadh duine sam bith uaill as a dheanadas fein. OGUST, 1896. 1 Di-sathairne, An Liunasdal. 2 DI-DONAICH, 9mh Donach nn Trianaid. 3 Di-luain, (2)An Cr. mu dheir. de’n t-Sol. 2. 20 F, 4 Di-màirt, (2)Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52 5 Di-ciaduin, Bas Rob Dhuinn, 1778. 6 Dior-daoin, (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598. 7 Di-haoine, A Ghrian ag eiridh, 4,58, 8 Di-sathairne, Duibhre air a Ghréin. 9 DI-DONAICH, 10mh Donach na Trianaid. 10 Di-luain, (9) An Solus Ur, 0.48. M. 11 Di-màirt, Blar Dhailrigh, 1306. 12 Di-ciaduin, A Ghrian a’ laidhe, 7.6, 13 Dior-daoin, Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746 14 Di-haoine, Bas Mhorair Chluaidh, 1863. 15 Di-sathairne, A cheud Chr’tl. dhe’n t-Solus, 4.49, F 16 DI-DONAICH, 11mh Donach na Trianaid. 17 Di-luain, Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786 18 Di-màirt, Blar Preston, 1649. 19 Di-ciaduin, Bliadhna Thearlaich, 1746. 20 Dior-daoin, Bas ’Ic Coinnich (Sar Obair.), 1849. 21 Di-haoine, Blar Dhunchaillinn, 1689. 22 Di-sathairne, (23) Bas Uilleim Uallais, 1305. 23 DI-DONAICH, 12mh Donach na Trianaid 24 Di-luain, (23) An Solus Lan, 2.50, M. 25 Di-mairt, Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-ciaduin, A Ghrian ag eìridh, 5.20. 27 Dior-daoin, Sealg Bhraight Mhair, 1714. 28 Di-haoine, A Ghrian a laidhe, 6.39. 29 Di-sathairne, Blar Loch-Aillse, 1722. 30 DI-DONAICH, 13mh Donach na Trionaid. 31 Di-luain, AnCar’tl mu dheir. de’n t-Sol. 6 41M D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. [TD 37] [Vol. 5. No. 6. p. 5] NAIDHEACHDAN Bha dha no tri de lathaichean matha feòir ann air an t-seachdain so, agus cha’n eil teagamh againn nach do ghabh na tuathanaich an cothrom. Shearmonaich an t-Urr. Dr. Murray a shearmon dealachaidh ann an Sidni Tuath air an t-Sábaid s’a chaidh. Tha e gu dhachaidh a dheanamh an deigh so ann an New Glasgow. Chuir Innseanaich Eìlean a’ Phrionnsa suas eaglais air an t-samhradh so air eilean Lenox. Chuir iad eatorra fein tri mile dolair cruinn air son a pàigheadh. Tha àiteachan-suidhe innte do thri no ceithir cheud. Choisrig an t-Easbuig Domhnullach i air an t-Sàbaid s’a chaidh. Tha an cholera gle dhona anns an Eipheit air an t-samhradh so, gu h-àraid ann am baile Alexandria. Tha i ann o chionn naodh mìosan, ach bha na dotairean ’ga cumail fodha gu math gus o chionn ghoirid, ’nuair a sgaoil i air dhòigh ’s nach b’urraìnnear casg a chur oirre. Tha fios a fhuaireadh o aon de chuideachd Peary, a bha anns a’ bhaile so o chionn beagan sheachduinnean air a thurus gu Greenland, ag innse gu robh an soitheach aige air a cuartachadh le deigh air chor ’s nach b’urrainn di carachadh. Bha an litir air a sgriobhadh gu cabhagach, ach, cha d’thug i iomradh co dhiu bha no nach robh an soitheach ann an cunnart a bhi air a bristeadh. Chaidh losgadh air Mhicheil Nowlan a tha ’na mhaor-sith ann an Glace Bay, oidhche Di-luain s’a chaidh le duine dubh a bha anns a’ bhaile còmhla ri cuideachd cluich a tha dol mu’n cuairt. Bha na daoine dubha deanamh troimhe-cheil anns an tigh-òsda ’san robh iad a’ fuireach, agus chaidh Nowlan a dheanamh sithe, ’nuair a loisg fear dhuibh air. Chaidh am peilear ’na cheann, ach cha d’ rinn e leònadh gle dhona. Chaidh triuir dhe’n chuideachd a chur an sàs. Tha daolag ùr air tigh’n air a bhuntàta anns na Staitean, a tha moran na’s draghaile ’s na’s milltiche na ’n t-seann tè. Tha i mu thri uiread ri cuileig, agus air dhath dubh. Ithidh a bàrr a’ bhuntàta dh’ ionnsuidh na talamhainn, agus cha’n fhag i bileag dheth. Chaidh gach puinnsean a b’ àbhaist a bhi cleachdadh ris an t-seann daolaig fheuchainn rithe so, ach cha chuir iad as dhi no taing. Cha’n eil fhios aig na tuathanaich no aig duin’ eile de ghabhas deanamh rithe. Bitheamaid an dòchas nach tig i ’m feasda ’n rathad na dùthcha so. Tha ann am Parlamaid Chanada air an turus so 63 fir-lagha, 33 tuathanaich, 26 ceannaiche, 21 dotair, agus àireamhan na’s lugha na sin de mhuinntir tha deanamh am beòlaind air gairm mo ceaird eile, a bharrachd air naodh duine deug aig nach eil ceaird no gairm sam bith, ach a tigh’n beò air an cuid airgeid, agus ris an canar daoin-uaisle. Mar is tric a thachras tha an cuid fhèin gu math aig na fir-lagha, ach tha e car iongantach nach bìodh ann an àireamh cho mor,—da cheud ’sa tri deug—barrachd us naodh deug de dhaoine nach eil ri obair sam bith, no mar theirear riutha, daoin’ uaisle. Chaill tuathanach ann an Zero, Ontario, pàirce eireachdail de chorca o chionn ghoirid le cnuimheagan a thainig air. Cha do sheas i dhaibh ach tri latha. Chaill tuathanaich eile moran de ’n cuid corca cuideachd, ach cha robh an call cho mor ’sa bha a chall-san. Chunnacas na cnuimheagan sin ann an New Brunswick air an t-seachdain s’a chaidh, agus a reir coltais tha an aghaidh air an àirde ’n ear. ’N uair a tha ’n corca ’s gach bàrr eile cho gealltannach am bliadhna ’s bochd nach fuiricheadh gaisidhean dhe ’n t-seòrsa so uaithe. Chaidh bàthadh cianail a dheanamh ann am Pictou a sheachdain gus an dè. Chaidh triùir bhràithrean, mic Iain Bhrown, a mach còmhla ri; ’n athair ann am báta; chaidh am bàta thairis, agus bha ’n triùir ghillean air am bàthadh. Cha robh iad ach glè òg; Alasdair, bliadhn’ air fhichead Iain, ceithir bliadhn’ deug; agus Domhnull, aon; bliadhn’ deug. Cha robh an athair ach gann beò nuair a fhuaireadh thoirt as an uisge. Rinneadh call-beatha uamhasach ann an cearna de Shina air an 26mh latha dhe’n mhios a dh’fhalbh, le tonn-mara, an ceart ni ’sa rinn call mor ann an Japan ùine ghoirid roimhe sin. Tha feadhain a chunnaic e ag radh gu robh an tonn mu choig mile dh’fhad, agus gu robh e cho àrd ri cnap bruthaich. Sguab e roimhe gach ni a bha roimhe, taighean, daoine agus spreidh. Thatar a deanamh gu robh mu cheithir mile sluaigh air am bàthadh, agus iadsan a fhuair as le ’m beatha, tha iad an impis bàsachadh leis an acras, oir sguab an tonn air falbh gach ni a bha fàs anns an talamh air ’n do ruith e. Tha e na chùis eagail gu’n cuir a ghorta moran ri àireamh nam marbh mur deanar cuideachadh leis an t-sluagh bhochd ann an am. Gheibhear ainmean na phaigh o’n thug sinn seachad iad roimhe, anns an àireamh so. Cha’n eil an aireamh idir cho mor ’s bu chòir dhi bhith. Tha sinn an dòchas nach bi iádsan a tha fuireach air deireadh a tarruinn an còrr ùine, oir tha sinn gle fheumach air an airgead aig a cheart àm. Tha fhios againn gu bheil a’ bhliadhna cruaidh, ach ’s ann mar sin bu chòir do na Gàidheil an tuilleadh dichill a dheanamh air son am paipear fèin a chumail suas, air eagal gu’n dean an droch bhliadhna ’n gnothuch air. Cha toigh leinn a bhi gearan; cha bhitheamaid ris mur b’ fheudar dhuinn agus tha sinn an dòchas gu’m fritheil an luchd-leughaidh d’an dleasanas cho math ’s nach leig sinn a leas a bhi ri gearan sam bith an deigh so. Deanadh gach aon dhuibh a chuid fhèin, anns an dòigh sin, agus cha chluinnear guth mor no droch fhacal o MHAC TALLA mu phaigheadh no rud eile. Iadsan a Phaigh. Iain Domhnullach, Antigonish, N. S Seumas Friseal, Alma, N. S I. W. Mac Isaic, Georgville, N. S Aonghas Mac Aonghais, Georgville, N. S Eachunn MacFhionghain, Priceville, Ont. Iain T. Dughlach, Argyle Shore, P. E. I. Z. Peutan, Cabot, Vermont. Iain D. Domhnullach, Great Beud, Pa. An Dotair MacLeoid, Spokane, Wash. Niall Mac Gilleain (Eildear) Roseburn, $2.00 Damhnull MacLeoid, Roseburn, 2.00 Iain MacGilleain, Kennington Cove 3.00 Cailean Caimbeul, Amhuinn Mheadhnach Lachuinn MacGuaire , Amhuinn Mheadhnach Samhairle MacNeacail, Amhuinn Mheadhnach Deorsa D. MacLeoid, Amhuinn Mheadhnach Alasdair MacRath, Amhuinn Mheadhnach Tormoid Buchanan, Big Hill. Bean R. ’IcGillinnein, Gilanders, Mtn. Simon A. Gillios, B. C. Chapel. A. W. Bethune, Loch Lomond. Alasdair Johnstone, Bridgeport, $3.00. Aonghas Domhnullach, Bridgeport, 2.00. Ioseph Mac-a-Phersain, Glace Bay. Iain R. MacDomhnuill, Glace Bay. Seumas MacGilleain, Clarke’s Road. Iain M. MacFhearghais, Port Morien. Iain MacAmhlaidh, (Eildeir) Port Morien. D. H. MacCuithein, Port Morien. Niall MacLeoid (Eildeir) Port Morien. Iain MacGillinnein, Port Morien. Tormaid MacLeoid, Victoria Mines. Micheil L. MacFhionghain, Point Clear. Mairi A. Dhomhnullach, Ceann Dearg. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 38] [Vol. 5. No. 6. p. 6] UILLEAM MAC DHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH. Is gann a b’urrainn dha labhairt mu Shasunn agus Sasunnaich gun ni-eigin searbh a radh mu’n deidhinn. Bha ’inntinn cho làn de dh-euchdan nan laithean ud anns an robh an da rioghachd an comhnuidh ann an naimhdeas, gu’n do leig e as an t-sealladh gu buileach, an caochladh àigh a thanaig ann an lorg na h-aonachd a tha nis eatorra. Bha e ’na ni ro ghoirt léis a ghiùlan gu’m b’e Lunnain, agus nach b’e Duneideann, Priomh Bhaile na rioghaachd, a’s gu’n robh Albainn do ghnath air a cur as an t-sealladh ann an nàidheachdan na duhcha a’s iomradh an comhnuidh air a dheanamh air “Arm Shasuinn.” “Cabhlach Shasuinn,” “Banrigh Shasuinn,” &c. Bha dubh fhuath aig air Sasunn a’s air gach ni a bhuinneadh dhi. Bu ni ro mhi-fhortanach gu’n robh a’ chuis mar so, oir chuir e grabadh an dà chuid air a shoirbheachadh fein mar fhear sgriobhaidh agus air a chliù mar fhear eachdraidh. Dhearbh e anns an leabhar a chuir e mach air an d’thug e mar ainm, “Tagradh nan Gaidheal,” gu’m b’ aithne dha Beurla a sgriobhadh air mhodh a dh’ fhaodadh naire chur air iomadh aon aig am bheil cliù cian sgaoilte mar ughdar; ach chuir a’ chainnt laidir a ghnathaich e, agus am fuath a nochd e a thaobh gach aon a rinn aig àm air bith, eucoir air na Gaidheil, cnapstarra ann an rathad soirbheachaidh na h-obair aige. Ach air a shon so uile tha iomadh ni a’s airidh a chumail air chuimhne ri fhàotainn ann an “Tagradh nan Gaidheal.” Sgriobh e mar an ceudna “Eachdraidh na h-Alba” a bha ri teachd a mach gach mios ’na pairtean aig aon tasdan am pairt. Thainig mu choig pairtean de ’n obair so a mach, ach chaidh stad oirre le di airgid gu a giulan air a h-aghaidh. Bha an Eeachdraidh ri bhi air a criochnachadh ann an sia earrannan déug. Cha ’n fhios domh ciod a thainig ris na sgriobhanna so, ach na’m biodh iad ri ’m faotainn, tha iomadh ni annta a dh’ fheudadh a bhi chum feum. A chum onair sheann Uilleam biodh e air innseadh gu’n do dhiult e suim mhaith airgid airson na h-obair so, o neach a thoilich a ceannach, a’s feum air bith a thogradh e a dheanamh dhi, ach cha dealaicheadh Uilleam rithe ach air aon chumhnanta, agus b’e sin, gu’m biodh i air a cur a mach direach mar a bha i. So cha ghealladh e a’s bho nach gealladh, fhreagair Uilleam “ged a bhasaichean leis an acras fagaidh mi as mo dheigh an obair so mar fhianuis air slaoight, agus an-tighearnas nan Sasunnach. Thig fear eigin a’m dhéigh-sa a chlo-bhuaileas i.” Ged nach urrain sinn ach meas a bhi againn air an spiorad fhearail so a bha as cionn duais a ghabhail, eadhon, an uair a bha cruaidh bhochduinn agus gainne ga theannachadh, gidheadh cha ’n fhaod sinn aicheadh gu’m bu ni amaideach dha an tairgse ’dhiultadh. Ach cha ’n ann mar Fhearachdraidh no mar Fhear Tagraidh nan Gaidheal a bhios cuimhne Uilleam Mhic-Dhunleibhe air a cumail beò ach mar Bhard. Oir tha an obair aige a’ dearbhadh gu ’n robh e comasach air a’ chlarsaich a dhusgadh gu ceòl, a’s gu’n do thuit air tonnag aon de na Fillidhean a dh’ fhalbh. Tha earrannan ’san obair aige nach cuireadh naire air Oisein, as a sheasas a bhi air an coimeas ri Mac Mhaighstir Alasdair agus Donnachadh Bàn. Tha smuaintean ard’ agus bardail ann am briathra snasmhor, fileanta, reidh ri amas orra air gach taobh, duilleig d’ a obair. Is i mo bharail nach eil neach air bith d’ an aithne bàrdachd nach tog fianuis gum bheil obair Mhic Dhunleibhe a’ dearbhadh gu soilleir nach e ranntachd a mhàin a tha innte ach fior bhardachd. Tha aon ni a tha comharraichte mu a deanamh, agus ’se so e, mar a’s trice leughas neach i, ’sann is deigheile ’dh’ fhasas e oirre, agus cha ’n ’eil uair a leughair i nach eil maise ùr eigin ri fhaicinn innte. Tha sinn beachdaidh as a so nach eil aon a tha mion eolach air a’ bhardachd so, nach tog fianuis gur airidh i àir aite fhaotainn taobh nam bard a’s measaile am measg luchd-ciùil na Gaidhealtachd. Chuir e ri cheile rannan ann an dealbhan eagsamhla, a’ gnathachadh ranntachd iomadh uair nach idir cumanta am measg obair nam Bard Gaidhealach. Ach cha ’n eil oidhearp a thug e uach eil fiughail. Ma bha cogadh a’s creach aige mar chuspair a chiùil, b’ urrain dha briathran garg’ agus brosnachail a chleachdadh, a’s ma bha tiamhachd a’s bròn mar sheisd an orain aige, b’ aithne dha a ranntachd a ghleusadh da reir. Ach ’se an doigh a’s fearr gu so a leigeil fhaicinn, cuid de na rannan aige a thoirt a lathair. Tha an da ni so agus iomadh dearbhadh eile againn air a chumhachd mar bhard anns an Duan a rinn e mu “Na Lochlannaich ’an Ile.” Anns an dàn so tha e a ’toirt fa’r comhar cabhlach Lochlainn a’ teachd ’sa’ leigeil sios an acair ann an Caladh Loch-na-Dalach, a’ seinn an orain eagallaich so: “So sinne ’s cha ’n fhalbh mar thainig, Tuagh, tuagh, Gheibh sibh ’ur neonach am maireach Le tuagh, tuagh, Buidealaich dhearg troimh gach fardaich Tuagh, tuagh, ’S bhur mnathan, ’s bhur creach gu traigh leinn, Tuagh, tuagh. Bithidh sibh a’ greasadh ’s a teicheadh, Sgian, sgian, Bheir sinne bh’ uaibh lùth nan easgaid, Le sgian, sgian, Na thig dhibh cha till iad am feasda, Sgian, sgian, Cha ’n fhaic iad a mhaduinn ’s am feasgar, Sgian, sgian. An t-oran fiadhaich, neo-chneasda so bha na biasdan bruideil a’ seinn, ach bha Maithean Ile aig an àm a cumail comhairle anns am bheil am Bard air briathra ùr-labhrach a chur ann am beul nan uaislean. An deigh na chmhairle anns am bheil iad air an inntinn a dheanamh suas coinneachadh ris na borb-dhaoine o Lochlainn air raon sliabh a’ chatha, a’s air uchdaichean “Ghart Loisgte,” thoisich na h-Ilich air cruinneichadh. Thainig Clann Artair o Pharoaig, agus Clann Dhomhnuill as na h-Earradh, Clann Illean o Thorra, agus Clann Aoidh o’n Rionn. ’Se so am port meársaidh a sheinn piobaire Chlann Aoidh, mar bha iad a’ direadh o’n Traigh a suas “Creagan a’ Chatha:” “Tha an namhaid a’ tighinn Air an traigh ’se ’gar sireadh, Thug e tair dhuinn mar Fhine, ’S cha tig sinn gun éiric. Tha iad mìl’ mar a chiad dhinn, Leis gach cothrom a’s miann leo, Muir a’s tir mar an iarrtus, Maduinn ghrianach a’s reidhlein. Cladach comhnard nach folaich, Uath ar n’ aireamh ’s sinn annamh, Chi iad cunntas na th’ againn, ’S bheir iad barail gu’n geill sinn; Cha b’e bhòsd as a’ bharrachd A ghleidh an còir do na Rannaich, Ach buaidh siol agus clardhimh A’ toirt a dhaindeoin na dh’ fheumadh. Tha na coimhich ’an staillinn, ’S fhada chithear an deàrrsadh, Boillsgeadh chlogaid a’s mhaille, ’Teachd air faire na Gréine, ’Sann th’ againn mar ábhaist A bhi rusgadh nan gairdean, O’n d’ fhuair Clann Aoidh an “Lamh Laidir,” Nuas o laithean na Feinne. Cha chluinn na h-Eileinaich thuathach, A’s Tir mor ’dhruideadh uainn i Le cearcal fairge mu’n cuairt duinn Nach brist cruadal no eigin; Bi’dh so seachad mu’n innsear Do laoich Dhiùra ’s Chinntire Gu’n do ghlèidh sinn ar dileab Far nach lion deoch reite. An lamh làidir gu bualadh, Cinn tri Tuirc agus Ruadh Bhuic, Riochdan gairg’ agus luathais, A thoill, a fhuair a’s a ghléidh sinn, A cheann catha nan Ileach, Tha sinn fhathasd duit deleas, ’S ged a sgathar gu tri sinn, Cha sriòchd sinn ’na dheigh sud. Ach cha b’ ann a mháin ’nuair a sheinn e mu stri a’s mu chogadh a b’ aithne do dh’ Uilleam na teudan a ghleusadh. Bha suil aige gu maise naduir ’fhaicinn, a’s b’ aithne dha a dealbh a tharruing le laimh ealanta. Cha ’n eil iad ach tearc a bu ghrinne sheinn maise a’ chéitein na rinn esan ann an oran na Buaile, anns an Dan air ainmeachadh “Cuimhneachan Bhraidalba.” Tha an t-oran so a’ toiseachadh air an doigh a leanas, ’s a, dol eir aghaidh ann am briathran grinne gu maise maduinn chiùin chéitein a chur an ceill: A Righ, gur boidheach án sealladh, Mu’n cuairt do lagan a’ chro, Doire cubhraidh nam meangan, Mu’n iath ’sa’ mhaduinn an ceò. R. I. Air son aodaichean deante ruig an stor aig D. J. Domhnullach. Tha iad math ’s tha iad saor. [TD 39] [Vol. 5. No. 6. p. 7] (Air a leantuinn o taobh 35.) cheila, man do thoisich e air itha nam fiadh. Dh’ fheumadh e fhaoitinn do shithinn na lionadh a bhrù ’n sin biodh an crios ann an ruidhidh gus an tinne b’ fhaide mach. Ach nair chunic an Gille-blar-odhar noch rabh coltas air Oisin gum fagadh e fuighlich, sgriob e leis pios mor do an bha air beulthaobh a Shean-athir, agus chuir e sud air a thaobh fein. Dhith Oisin na bha aig an uair sin ach cha rabh e air a shasuchadh. Dh’ ionndrain e na thug odha leis, agus thubhairt e. O! laochain us ro olc thuaras du na faga du an t-iomlan agam bhithinn cho mhath sa bha mi riamh. Thiodhlaichd Oisin an coir ann am poll choir-Fhinn. Ghluais e fein agus odha chum pillidh do Ghleann caoinfheoir, ach se chomh airl’ chinn an ceann odha Oìsin gu feuchadh e fuidhidh e Oisin a shean-athir a chuir le craig. Chomhairlich a mhathir dha ra laimh sin a dheanamh. Threoruich se e gu bruaich Uiridh-Bhiatich ris an goirar gu cummanda nis Uiridh ’n-fhithich, agus dh’ fhag e sud e. Thuit e leis a chraig agus stad e meadhoin na h-uiridh. Bha e car uine mam buirinn dha gluasad, ach cho luath sa chuir e ’m preathal sin seachad thoisich e air meurachadh man cuairt da gus an d’ fhuair e fainne dhealluich ris uine roimhe so. Nis sann o Leanna sith a thuair e ’n toisich e. Bha do bhuaidh air nach cailidh, e radharc agus nach fuidhidh e bas. Thanic e ’n sin dhachaidh le fhainne agus le calpa ’n Luin, agus mar a thubhairt e riu man d’ fhalbh e, us amhluidh b’ fior, be calpa ’n Luin moran bu mho.—Leabhar na Feinne. Tha gràdh an còmhnuidh deas chum gach seirbheis a dheanamh. Tha gràdh bunailteach agus tréibhdhireach ’na dhìchioll. Tha e do ghnàth ’ga thoirt fein seachad a nasaidh. Is ni e a tha deanadach dichiollach agus trèun. Tha e ’na shonas do ghràdh a bhi saorachail agus fialaidh. Ciod nach dean mathair ghradhach air son a leinibh fein? Ciod nach dean bean-phòsda dhleasnachail air son a companaich fein? Ciod leis nach cuir Gaidheal suas chum a righ, agus a thìr, agus a shaorsa a dhionadh, agus chum nàimhdean air an lionmhorachd a ruagadh air falbh? Tha tlachd aig moran aun a bhi ’faotuinn coire do gach ni a nithear, no labhrar le muintir eile. Ma mholas tu ni sam bith, is comadh ciod e, di-molaidh iadsan e. Air an laimh eile, cha’n ’eil iad toilichte ma ghabhas tusa toilìnntinn ann an dad sam bith, agus an uair a chith iad sin, cuiridh iad gu dian ’nad’ aghaidh. Ni iad so air uairibh le dùil gu’m fèuch iad barrachd eòlais agus gliocais na bhuilicheadh ortsa. Ach tha iad ’ga dheanamh, mar a’s trice, trid peasanachd agus lonais a ta ’géiridh o fharmad ’na n cridhe. Thoill iad so gu leir gu’m biodh an sròn air a tarruing, chum nach tog iad co àrd i tuilleadh nis mo. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH &CO. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 40] [Vol. 5. No. 6. p. 8] Miann an Oganaich Ghaidhealaich, LE UILLEAM ROS. AIR FONN.—“We’ll go no more a roving.” Tha sud do ghnà air m’inntinn, Le iompaidh chinntich, reidh, ’S gur fada o’n bu mhainnach leam, Gu’n triallamaid dha reir; ’Sa nise o nach urrainn mi ’Ga chumail orm gu léir, Bi’dh mi fadheoidh ag aideachadh Na th’agam dhut de spèis. LUINNEAG, An sin treigeamaid am fàrsan, ’S gu’m b’fhearr na bhi air chuairt, Bhi maille ris a’ chailin ghrinn, Le farasdachd gun ghruaim. An sin treigeamaid, etc. Gach aon a chi mi ’s beartaiche, Bithidh spailp orr’ as am maoin; Ach sud cha b’urrainn m’iasgach-sa, Ge d’ laithainn leis an aois; Mo nàdur ge d’bhiodh iarratach, Dh’a mhiann ’s nach d’thugainn taobh: Le snaim cho dian cha shnasaichinn, Mur glactadh mi le gaol. No ged’ bu shamhl’ an stòras mi, Ge neònach sud leibh fein. Dha’n neach dha’n liugh’ tha ’chòraichean, Tha’m Breatainn mhòir gu lèir; Ge soilleir inbhe ’n stàta sin, Cha tàladh e mi ceum; ’S air mhìltean òir cha lùbainn-s’ Ach an taobh dh’am biodh mo dhèidh- Gach fear dh’am beil na smaointean so, Bithidh m’aonta dha gu mòr, Air chumha gun ghnè theag-mhaladh, R’a fhaotainn bhi na dhòigh; A rùn-sa ’nuair a dh’fhiosraichinn, Na’m measainn bhi air chòir, Gu’m molainn gun a diobairt dha, Cho fad ’s a bhiodh e beò. Gu’m b’ait leam cailin finealta, ’S i maiseach, fior-ghlan, ciùin; Ged nach biodh ni, no airgiod aic’, Ach dreach a’s dealbh air thùs; Ach sud na’n tàrladh aic’ a bhi ’S ga rèir bhi pailt ’an cliù, Cha chreidinn gu’m bu mhisd’ i e, ’S i fein bhi glic air chùl. Cha trèiginn fein a bharail sin, A dh’aindeoin ’s na their càch, Le iomluaths gu bhi caochlaideach, ’S nach aontaicheadh mo chàil; Gach fear bi’dh mar a’s toileach leis Gun choireachd uam gu brath, ’S leanas e gu dìchiollach, A bheirt a chi è ’s fearr. An Talla ’m bu Ghna le Mac-Leoid. LE MAIRI NIGHEAN ALASTAIR RUAIDH. Righ! gur muladach tha mi, ’S mi gun mhireadh gun mhanran, Anns an talla ’m bu ghnà le Mac Leoid. Righ! gur, &c. Tigh mòr macnasach meaghrach, Nam maca ’s na maighdean, Far ’m bu tartarach gleadhraich nan corn. Tigh mor, &c. Tha do thalla mor priseil, Gun fhasgadh gun dion air, Far am faca mi ’m fion bhi ’g a òl. Och mo dhiobhail mar thachair, Thainig dil’ air an airtreabh, ’S ann a’s cianail leam tachairt ’n a chòir. Shir Tormaid nam bratach, Fear do dhealbh-sa bu tearc e, Gun sgeilm a chur asad no bòsd. Fhuair thu teist, a’s deagh urram, Ann am freasdal gach duine, Air dheiseachd ’s air uirghioll beoil. Leat bu mhiannach coin lùthmhor, Dol a shiubhal nan stùc-bheann, ’S an gunna nach diultadh re h-òrd. ’S i do lamh nach robh tuisleach, Dol a chaitheamh a’ chuspair, Le d’ bhogha cruaidh, ruiteach, deagh-neoil. Glac thram air do shliasaid, An deigh a snaitheadh gun fhiaradh, ’S barr dosrach de sgiathaibh an eoin. Bhiodh ceir ris na crannaibh, Bu neo-eisleanach tarruing, ’N uair a leimeadh an t-saighead bho d’ mheoir. ’N uair a leigteadh bho d’ laimh i, Cha bhiodh oirleach gun bhathadh, Eadar corran a gàine ’s a smeorin. Ceud soiridh le dùrachd, Bhuam gu leannan an t-sugraidh, Gu ’m b’e m’ aighir ’s mo rùn bhi ga d’ choir. ’N àm dhut tighinn gu d’ bhaile, ’S tu bu tighearnail gabhail, ’N uair shuidheadh gach caraid mu d’ bhòrd. Bha thu measail aig uaislean, ’S cha robh beagan mar chruas ort, Sud an cleachdadha fhuair thu d’aois oig. Gu’ m biodh faram air thailisg, Agus fuaim air a’ chlarsaich, Mar a bhuineadh do shàr mhac Mhic-Leoid. Gur e b’ eachdraidh ’n a dheigh sin, Greis air uirsgeul na Feinne, Us air cuideachda cheir-ghil nan cròc. SANAS. Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air prisis eil, rach a choimhead air D. J. DOMHNULLACH. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram,tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. [TD 41] [Vol. 5. No. 7. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 15, 1896. No. 7. IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN. (Air a leantuinn.) Chuir mi m’ aghaidh air an dachaidh air Dior-daoin, an ochdamh latha deug de ’n Og-mhios. Cha’n fhuilingeadh ùine dhomh fuireach ni b’ fhaide. Ghabh mi mo chead do m’ chairdean agus bha mi ’n oidhche sin am Baile-nan-Gall mar ri m’ charaid an t-Urr. Calum Mac Leoid, ministeir na sgìre. Rugadh ’us dh’ àraicheadh Mr. Mac Leoid anns an sgìre anns a bheil e nise na mhinistir suidhichte. Fhuair e gairm do’n pharraiste so an uiridh. Nochd an sluagh deagh thuigse bhi aca ann a bhi ga roghnachadh mar an ceann-iuil; agus, ged bha sinn duilich air son a chomh-thionail a dh’ fhag e, se ardurachd mor bheanachd a leantuinn a shaothair agus gu ’m bi iomadh bliadhna thaitneach agus shoirbheachail aige na ’m measg. Bha mi air aoidheachdean a tigh Dhomhuill Mhic Asguill, Eildeir. Be sin an teaghlach coir geanail. Tha an dachaidh an aite boidheach air leth-taobh suas os ceann an uisge le sealadh farsainn thar mara ’s tire. Is brathair fear an tighe do’n duine iomraiteach sin Aonghas Mac Asguill nach mairean, (the C B giant). Tha cuimhne agam air Mac Asguill fhaicinn aon uair. Bha e na shuidhe ann an sleigh. Bha e soilleir, ged bha an t-aite-suidhe ard gu leòr air son duine cumanta, gu’n robh e tuille is iosal air a shonsan oir bha a ghluinein suas ri a bhroilleach mar neach na shuidhe air stol leanamh. Bha e neo chumanta thaobh meudachd agus neart ach na dhuine anabarrach ciuin sìobhalta, agus na shàr dhuine uasal air gach doigh. Chaochail e anns a bhliadhna 1863, anns an ochdamh bliadhna deug thar fhichead de aois. Tha e na shìneadh fo ’n fhòd ann an cladh Baile-nan-Gall. Bu mhaith an obair do Ghaidheil Chanada carragh-cuimhne fhreagarach a thogail aig ceann a ghaisgaich agus an fhir-duthcha so a bha cho ainmeil na latha agus na linn. A measg na feadhnach air na thaghail mi bha Mr. Mac ’Ille Mhoire, fear parlamaid, duine tha geanail, cairdeil ri coigrich agus daonan ullamh gu gniomh caoimhneil a dhianamh, leis am bheil e a cur iomadh neach fo chomain da; agus gu firinneach is ann mar sin a bhuin e rium-sa air an turus so. Thachair mi mar an ceudna ri bana-charaid air an robh mi aon uair eolach, agus bho ’n d’ fhuair mi aoidheachd iomadh bliadhna air ais. ’Se sin banntrach Iain Mhic Ritchie air an Amhuinn-a-Tuath. Bha mi toilichte a faicinn slàn. Tha a mac Aonghas Mac Ritchie na mharsanta anns a bhaile so. Dh’ fhàg mi Baile-nan-Gall Di-haoine. Thainig’ Mr. Mac Leoid maile rium gu Baddeck. Bha Sacramaid na Suipeir gu bhi air a frithealadh anns a bhaile sin air an t-Sàbaid. Thug Mr Mac Leoid searmon taitneach dhuinn, ann an Gáilig, air Di-sathairne. Bha aige ri bhi ann an Sidni air an t-Sàbaid ach dh’ fhan mise gu cuideachadh le Mr. Dughallach air an la ud. Bha maille ruinn, mar an ceudna, duine og do chloinn ’Illeain a Strath Lathairne, an C. B., far am beil an t-Urr. Domhnal Domhnullach na mhinisteir. Tha ’n gille og gealltannach so a saoithrachadh mar mhissionari am Baddeck Mhor air an t-samhradh so. Is mac e do ’m charaid nach mairean Alasdair Mac ’Illean, Eildeir ’nam shean cho-thional, Strath Lathairne. Bha Sàbaid a chomanachaidh na latha fabharach agus chruinnich sluagh mor as gach àite mu’n cuairt. Bha ’n t-seirbheis ann an toiseach an latha an Gàilig agus anns an fheasgrr am Beurla. Bha stòladh maiseach air an t-sluagh; agus rinneadh na h-uile nithe gu deagh mhaiseach agus a réir orduigh. Choinnich mi ri àireamh de chàirdean ’s de sheann luchd eolais a bha mi tolaichte fhaicinn, agus bha mi ag ionndrain iomadh aon ris an b’ abhaist dhomh coinneachadh aig a leithid sud a dh’ àm anns an aite ud. Tha an t-Urr Mr. Dughallach a saoithrachadh le durachd a measg an t-sluaigh so agus tha fios againn nach bi a shaothair ann an dìomhain. C. C. (Ri leantuinn.) Dh’iarr fear de luchd-teagaisg Oil-thigh Chamòridge air caraid dha iasad de leabhar a bha toil aig’ fhaicinn. Chuir a charaid am fios a leanas thuige: “Cha ’n ’eil mi uair sam bith a leigeadh mo leabhraichean a mach as an tigh, ach ma thogras tusa tighinn an so ’s i do bheatha bhi ’gan leughadh fhad ’s a thogras tu.” Beagan laithean na dhéigh so chuir a charaid a dh’ iarraidh iasad de ’n bhalg-shéididh air an fhear-theagaisg. A’ cuimhneachadh mar a dhiultadh na leabhraichean dha chuir e fios air ais mar so: “Cha ’n ’eil mi uair sam bith a’ leigeadh a bhuilg-shéididh a mach as mo sheomar: ach ma thogras tusa tighinn an so ’s i do bheatha bhi séideadh leis cho fad’ ’s a thogras tu.” As an Iar-Thuath. FHIR-DHEASAICHIDH,—Bho’n tha MAC-TALLA nis air fàs mor, tha n’ Iar-Thuath a smaointeachadh gu’m bheil i fhein mor gu leor, ged a tha i òg, airson facal a chur ann an daast’ ’s a rithist. Cha ’n eil cearn de ’n t-saoghal anns nach eil Gàidheil a gabhail còmhnaidh, ach càit air bith am bi iad bidh toil aca (se sin ma bhios faireachduinean Ghàidheal annta) fhaotainn am mach ciamar a tha ’n co-bhràithrean ’s an luchd-duthcha a’ cur seachad an saoghail ’s gach àite fa leth. Agus gu de meadhoin a b’ fhearr na bu drùitiche na innse nan cànain mhathrail troimh ’n MHAC-TALLA, ’tha taghal gach cearn. Tha ’n Iar-Thuath ag amharc glé bhòidheach aig an àm le raointean mora ’us tomain choille cho fad ’s a chi an t-sùil, air a sgeadachadh le feur mìn gorm ’s gach seorsa flùr fo’ bhlàth. Bha toiseach an t-samhraidh neo-chumanta fliuch ’s dh’ fhag sin a churachd fadalach, ach thainig blàths us taise an deagh àm a bhrùchd a mach gu bras gach pòr, agus tha iad aig an àm so air bachadh na’s fhearr na bha iad an uiridh mu ’n àmso. Tha daoine nis trang ris an fheur a tha fàs gu nàdurra anns gach àit iosal; ’s bi’dh a bhuain ann le da sheachduin eile, agus ma theid i leotha gu math, tha mi ’smaointean gu’n cuir cuid dhiu cuireadh air MAC-TALLA airson na h-oicheannan fada geamhraidh a chur an giorad. Tha beagan (ach se glé bheag) de Ghàidheil ghallda na’r measg, a b’ fheairrde cuairt de’n taod fhliuch aig Bodachan a Ghàraidh, na’n deanadh i feum, ach tha eagal orm nach cuir i cùram orra so. Anns an ath litir, ma gheibh i seo àite, innsidh mi na’s fhearr cor nan daoine so, a thaobh eaglaisean ’us sgoiltean ’s am fein-fhiosrachadh, an uair a thainig sinn ann an toiseach. Ceadaichibh dhomh a radh gum bheil am paipeir a taitinn gu mor rium ’s gu h-àraid ’s an trusgan ùr; ’s bhuanaich e ’n dreach ’s am pongalachd, ged nach robh e cearr roimhe, ach na leigeamaid air di-chuimhne gur ann air dha fàs mor, a’s feumaich e air tuilleadh chàirdean agus air deagh rùn na bha aige roimhe. A guidhe gu soirbhich gu math leibh, ’s mi ur caraid, SEMUS N. MAC FHIONGHAIN. Moosomin, 3, 8, ’96. An ni nach ’eil air chall, gheibhear e. An rud nach gabh leasachadh, is fheudar cur suas leis. [TD 42] [Vol. 5. No. 7. p. 2] ISEABAIL ODHAR AGUS MONAGAN. BHA duine còir ann aon uair aig an robh gabhaltas beag fearainn faisge air aon de bhailtibh mòra na dùthcha. Bha e greis aoise mu ’n do phòs e, agus ’s e aon phàisde nighinn a bh’ aige. Nuair a bhàsaich a’ bhean cha robh an nighean ach mu shé-bliadhn-deug a dh’ aois. Bha i anabarrach glic a bhean a h-aoise. Bha i ro stòlda ’na h-inntinn, agus nuair a bhiodh i còmhradh ri neach, shaoilte gur seana bhean a bh’ ìnnte leis mar a labhradh i cho poncail, ’s cho réidh, ’s cho socrach. Nuair a bhàsaich a mathair rinn a h-athair suas inntinn nach pòsadh e gu bràth, ach gu ’m fàgadh e chuid a ’n t-saoghal aig a nighinn. Bha fhios aige gu’n deanadh i deadh bhean-tighe, ach ged a bha, bha e soilleir gu leor dha, a thaobh nach robh i dreachmhor, nach faigheadh i pòsadh gu bràth mur faigheadh i e air son a stòrais. Thug so air a bhi ni bu dìchiollaiche ’s ni bu chùramaiche na bha e riamh roimhe a chum na b’ urrainn da chur cruinn a dh’ airgiod, air dhòigh agus gu’m fàgadh e aig latha ’bhàis na chumadh Iseabail suas fhad ’s bu bheó i, a chionn ’s nach faigheadh i deadh phòsadh leis. An déigh bàis a màthar thug a h-athair dhi riaghladh gach ni bhuineadh do ’n tigh. Og ’s mar a bha i chum i gach ni an òrdugh, ’s ghiùlain i gach gnothach air aghaidh cho math ri aon bhean-tighe ’s an dùthaich. ’S ann a bha ioghnadh nach bu bheag air na h-uile aig an robh dad a dh’ eòlas oirre, ann a bhi faicinn mar a bha gach ni a bha i ’làimhseachadh a’ soirbheachadh cho gasda. “Ni làmh an dichiollaich beartas.” Ged a bha beagan airgid aig a h-athair a’ cur réidh dheth ’s a’ Bhanca cha ’n aithnicheadh neach sam bith air Iseabail co dhiu bha gus nach robh. Cha robh pròis, no meud-mhòr, no uaill, no sroineis, no ni dhe ’n t-seòrsa fuaighte rithe. Cha robh dad a choltas aice ris na guanagan sgaomach, leomach a tha ’n diugh air an t-saoghal. ’S e bh’ innte caileag ghlic, chrìonnta leis nach bu nàr a làmh a chur ann an obair sam bith a thigeadh gu feum an tighe. Dh’ éireadh i moch ’s mhaduinn, ’s bheireadh i làmh-chuideachaidh do ’n bhanaraich an àm an eadraidh; bhiodh am biadh-maidne deas ann an àm, ’s gach ni eile gu deas, òrdail, mar bu chòir dhoibh a bhi. Bhiodh i ’n còmhnuidh mu ’n cuairt air deanamh an ime ’s a’ chàise. Bhiodh im agus càise gu leòr aice, agus a bharrachd air a sin bhiodh na laoigh air leth maith air am beathachadh. Ged a bha i mar so deanadach, glic, gleusda, agus ro fhaicleach mu ’gnothach, bha i air leth truacanta agus caoimhneil ri daoinibh bochda. Gheibheadh an diol-déirce biadh, ’us deoch, ’us fasgadh uaipe mar a gheibheadh iad o’n mhàthair a rug i. Shaoileadh cuid a chionn gu ’n robh i cho maith airson gnothach an t-saoghail a chur air aghart nach ruigeadh na bochdan a leas a dhol a dh’ iarraidh dad oirre. Ach cha b’ ionnan sin ’s mar a bha; cha robh té eile, ge mòr am focal e, an taobh a stigh de chriochaibh na sgireachd bu teò-chridhiche na i. Theireadh i iomadh uair, ’s i nis na ’làn-bhoireannach, nach robh aig muinntir ach làimhseachadh; gu ’m bu le Dia na h-uile nithean; nach robh daoine ach ’nan stiùbhardaibh fo a làimh; ’s gu ’m b’e ’n gnothach a bhi deanamh an dichill an còmhnuidh a chum saoibhreas fhaotainn le onair, cha’n ann a mhain a chum iad fhein a bhi comh-fhurtail, ach mar an ceudna, chum cuideachadh a deanamh leis a’ mhuinntir bhochd agus aimbeartaich. B’e so am beachd a bh’ aig a h-athair air gnothaichibh an t-saoghail, agus, mac an ceudna, aig a mathair fhad ’s a bha i làthair. Cha ’n ’eil teagamh nach saoil cuid gu’n do mhol mi Iseabail tuilleadh ’s a choir, ach gabhadh iad mo leth-sgeul ’nuair a their mi nach do mhol mi i dad n’a b’ fhearr na b’ airidh i air. A dh’ innseadh na firinn, ged a bha i cho grànnda ’s gur e Iseabail odhar a theirte gu cumanta rithe, cheannaicheadh i luchd luinge de na maighdeannan grinne, greannor, nach teid a mach air dorus air eagal gu ’m fliuchar an casan, no gu ’m faigh iad fuachd, ni ’s lugha na bhios an la cho grianach ’s cho blath ’s gu ’m faodadh a’ chuileag-bhuidhe fhéin a dhol a mach. Maigheannan an là ’n diugh! A mhic ’s a ghoistidh! Cùl mo làimhe riutha; ged a bhithinn a’ m’ sheana-ghille ri m’ bheò, agus fada, fada ’n déigh mo bhais, cha ghabhainn a nasgaidh te dhiubh. Na’n gabhadh bhiodh an gnothach glé dhaor dhomh air a’ cheann mu dheireadh, eadar na dheanadh iad a ghurramal, ’s a thrògmhail ’s a chànran mur bitheadh na h-uile ni ’feitheamh dhoibh mar gu’m b’iad a b’ uaisle fo ’n ghréin ghil. Ma ’s e sin fhéin e, ged a bhiodh toil aig gille bochd, amaideach, teannadh ri deanamh suas ri te dhiubh ’s docha nach ’eil maith dha a shuil a chaogadh riu. Seallaidh ’na ghnùis le tàire, ’N sin ni iad faite-gàire, ’S togaidh iad an cinn an àirde; Cha ’n ’eil stà bhi stri riu. Cha ’n ’eil, cha ’n ’eil! Gu h-araid ma bhios coltas a’ chosnaidh air fear—ma bhios fàileadh na tearra dheth; no ma bhios ribeag de chlòimh nan caorach a’ leantuinn r’ a aodach; ma bhios toil no tuthag air a chuid aodaich, no calg an eòrna ann; ma bhios fàileadh an todhair, no samh an éisg dheth; ma bhios poll, no criadh, no ni de ’n t-seorsa air a chais-bheart; a dh’ aon fhocal, mur bi e cho glan, sgiolta ’s ged a bhiodh e air a ghleidheadh ann am bocsa gloine cha ’n fhiach e bonn-a-h-ochd! Mar a chunnaic am fortan mòr iomchuidh cha ’n ’eil an seorsa so a’ faotainn pòsaidh ach gu maith ainneamh, ’s gu cinnteach, ceart, cha b’ fhearr gu ’m biodh. “Cha ghabh iad na coisichean, ’s cha ’n fhaigh iad na marcaichean;” agus mar sin, tha na ficheadan diubh gach bliadhna a’ dol thun an fharaidh cuide ris na cearcan guir. Gu ma h-e dhoibh! Bliadhna mhaith nan deigh! Ubh! ubh! chaidh thar mo shiubhail! Sin agad na boirionnalch. Ach cha mhi cheud fhear a chuir iad a cheann na bhoil, agus is cinnteach nach mi am fear mu dheìreadh. Cha ’n fheud mi Iseabail, odhar a leigeil air dichuimn’ gus an innis mi mar a dh’ éirich dhi. Ciod e th’ agam air ach gu robh na bliadhnaichean ’ dol seachad cho luath ’s a b’ urrainn doibh; an saoghal a’ cur nan car dheth cho luath ri gilìe-mirein; (agus, a dh’ innseadh na firinn, is iomadh là bha ioghnadh orm nach deachaidh a cheann ’na bhoil o chionn fada!) Bha athair Iseabail a’ cur airgid ’s a’ Bhanca, agus an t-airgiod a bha ’s a’ Bhanca a’ cur réidh dheth mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. Rud a bha nàdurra gu leòr bha daoine a’ fàs sean mar bu tice, ach bha té ’s té thall ’s a bhos nach robh a’ fàs sean idir. Cho luath ’s a sguireadh iad a dh’ fhàs mor sguireadh iad a dh’ fhas sean; agus, ged nach freagair e dhuinn a bhi ag ràdh bheag mu ’n chùis mu ’n gabh iad gu h-olc e, tha daoine glice ’cumail a mach ’nuair a sguireas na boirionnaich a dh’ fhàs sean gu ’n sguir iad a dh’ fhàs glic mar an ceudna. Coma co dhiu, biodh so fior no na biodh, bha Iseabail a’ fàs sean na h-uile bliadhna mar a bha gach creutair eile. Agus ged a bha cha robh leannan riamh aice; agus ma ’s fhìor an sgeula cha ’n ann aice, an creutair, a bha choire, ach aig na fleasgaich chòire nach do theann ri deanamh suas rithe, agus fios gle mhaith aca gu ’n robh tigh, ’us fearann, ’us crodh, ’us caoraich, ’us airgiod gu leòr, a’ feitheamh air a cheud fhear a thigeadh g’ a h-iarraidh. Ach, rud a b’ fhearr na sin, ge b’ e gheibheadh i gheibheadh e ’n aon bhean-tighe a b’ fhearr ’s bu ghràinnde a bh’ anns an dùthaich gu léir. Ciod e maith a bh’ air na fleasgaich nach do ghabh an cothrom maith so air faighinn air aghaidh ’s an t-saoghal? Bha Eachann mòr ag ràdh rium an là roimhe ’s mi ’g innseadh na naigheachd so dha nach tugadh e fhéin am brochan guu salann adh ’ fhear nach gabhadh a leithid a chothrom. “Phòsainn i,” ars’ Eachann, “nam faighinn tigh, ’us fearann, us airgiod gu leòr leatha ged a bhiodh i cheart cho odhar ri craicionn na guite, ’s ged nach biodh cas oirre a chuireadh i foidhpe, no làmh leis an cuireadh i greim thun a beoil; dìreach ged nach biodh beul fhéin oirre; agus cha ’n ’eil fhios agam an ann gun bheul fhéin dad bu mhiosa i. A dh’ aon fhocal, phòsainn i ged nach biodh ann di ach an dà shùil.” “Gu dearbh? Eachainn,” arsa mi fhéin, “‘tha fior ioghnadh orm am beachd dhe ’m bheil thu, cha phòsainn fhéin tè ghrànnda ged a b’ i a’ Bhan-righ air a’ chrùn. Fheudail, fheudail, ’s mise nach deanadh e. Na’m biodh deadh nàdur innte b’ i mo roghainn i ged nach biodh sgilinn ruadh an t-saoghal aice.” “Saoilidh tu sin,” ars’ Eachann. “An cuala thu ’n sean-fhocal so Eachainn.” arsa mi fhéin:—“Phòs mi ’n luid airson na cuid, dh’ fhalbh a’ chuid ’s dh’ fhan an luid.” Agus [TD 43] [Vol. 5. No. 7. p. 3] mar a tha ’m port ag ràdh— “Bean an droch nàduir ’s coma leam fhein dhi, Bean an droch nàduir neònaich, Bean an droch nàduir ’s coma leam fhein dhi B’ fhearr leam bhi falamh na ’pòsadh.” “Dìreach sin,” ars Eachann, “ach stad ort, càite am bheil bean an deadh nàduir? Ma ’s ann a’ feitheamh gus am faigh thu bean an deagh nàduir a tha thusa bithidh tu greis air an leagadh sin. An cuala thu riamh an sean-fhocal so;—“’Na h-uile nighean ’n a deagh nighinn, ach co as a tha na droch mhnathan a tighinn.” “Fhalbh, fhalbh, Eachainn,” arsa mise, “tha iomadh deadh bhean ’us deadh nigheann ’s an t-saoghal, ’s tha feum aig an t-saoghal air sin. Feasgar maith dhuit.” Ach chaidh mi thar mo sgeoil a rithist do luath ’s a theann mi ri bruidhinn air pòsadh. Cha ’n ’eil cothrom air. (Ri leantuinn.) MU BHRUADAIR. Thus’ a tha eòlach air gach ni, innis domh, ma’s e do thoil e, ciod is ciall do bhruadair, no aislingean na h-oidhche? Tha iad a’ cur iongantais mhòir orm, agus cha ’n ’eil mi idir ga’n tuigsinn. Ma dh’ fhaoite nach ’eil duine sa bith a’ bruadar mar tha mise. Cha ’n ’eil dùil agam gu’n d’ thainig cadal riamh air mo spiorad. N uair a tha mo cholainn ag gabhail tamh na h-oidhche, tha mo spiorad ag itealaich gu saor fuasgailte amach air feadh an t-saoghail. Cha ghabh esan tàmh, agus cha ’n ’eil e air a chlaoidh le saothair. Air leam nach ’eil ann an aisling na h-oidhche ach fearas-chuideachd an anma, an deigh dha uallach na collaine a chur dheth. Saoilidh mi gu bheil a’ cholainn mar leanabh trom gun tùr, fo churam agus aire an anma; agus an déigh do ’n leanabh so dol na ’chodal gu bheil a mhuime a’ dol a mach gu h-aighearach, inntinneach a dh’ fhaicinn an t-saoghail. Is duine aosmhòr mise, a tha chòmhnuidh fada bho thir m’ eolais, snn am fròig bhochd dhorch’ an aon de chaol-shràidibh a bhaile-mhòir. Is daor a tha mi cosnadh m’ arain, agus tha iarguin na h-aois a’ laidhe gu trom orm. B’ e miann mo chridhe bothan beag fhaotainn ann an deireadh mo làithean, ann an dùthaich nam beann, agus mo chorp, an déigh bàis, a bhi air a chàramh fo lic mo shinnsir; ach ’s e so dòchas nach fhaod mi àrach, agus cha ’n ’eil feum a bhi ’gearan. Bha là nach do shaoil mi gur ann mar so a bhitheadh. Bu mheanmnach àrd-thogarrach mi latha gan robh mi. B’e mo thlachd a bhi fiadhach nam beann, ’s a bhi leantuinn na faoghaid, agus ga rireadh bu mhi nàmhuid a’ choilich-dhuibh agus na liath-chirce. Cha n’ iarrainn caithe-aimsir bu taitniche na bhi ’luinneireachd air a’ chaol. Ghabhainn mo dhuanag agus dheanainn i; bha mi anabarrach déigheil air ceòl, bheireadh an fhigheal orm dannsa, ge b’ ann casruisgte ’s an dubh-chladach, agus cha b’ fhearr mi na amadan fo nuallan na pioba. Bha mi ann an gaol o’n is cuimhne leam, ge nach do phòs mi riamh. Bha gaol mòr agam air ainnir àillidh, a rugadh, agus a thogadh làmh rium; boinne fala co lurach ’s a chunnacas le sùil. Is minic a bha mi leatha ann an coille nan cnò, a buachailleachd nam meann, ’s a’ buain nan dearc air an tòm. O, bu bhòidheach i: bu mhilis leam briagail a beòil, bu taitniche leam fiamh a gàire, agus blàithead a sùl, na aon ni eile a chunnaic, no chi mi gu bràth; ach chuir tuaileas nam briag eadaruinn, agus cha chuala i riamh ciamar. Ach is coma cò dhiubh. Tha mis a nis am dhuine bochd; tha uallach trom air m’ inntinn, agus tha imcheist an t-saoghail so an impis mo chridhe a sgàineadh; mur b’ e bruadair, agus aisling na h-oidhche cha ’n eil fhios ciod e a dheanainn. Is mor am faochadh a tha iad so a’ toirt domh. Cha luaithe ’dhùineas mo shùil, na tha mo spiorad a’ falbh air a chuairt do thir m’ òige. Ann an sin tha mi co òg, uallach, aighearach ’s a bha mi riamh; gun suim do’n aois mhosaich, no do ’n t-saoghal bhuaireasach. Tha leth-cheud bliadhna de m’ laithean mar gum biodh iad air an dubhadh a mach. Tha mi a rìs ann an tigh m’ athar, agus tha e mar bha e riamh. Tha mo bhràithrean agus mo pheathraichean mar a b’ àbhuist doibh. Tha mi an dara cuid, ag camanachd air a’ bhlàr, a’ sealgaireachd air a bheinn, no a’ luinneireachd air a chaol, a deanamh falach-chuain air gach bàt a thig am charamh. Tha mi gu tric ann an aisling na h-oidhche ri mànran milis le m’ chaileig ghaolaich, a’ siubhal ri taobh nam fuaran, ise cho àillidh òg ’s a bha i air an là air an dubhairt mi, nach robh air an t-saoghal uile na chuirinn ann an coimeas rithe, agus mise co aotrom sunntach. Ann an aon fhocal, cha ’n ’eil ni a thug riamh sòlas do m’ chridhe ’s mi og, air nach ’eil m’ inntinn a’ ruith ann am bruadar na h-oidhche. Ach a thuilleadh air so, tha mi am chadal far nach robh mi riamh am fhaireachadh. Tha mi gu tric ann an saoghal ùr, le buaidhibh agus le cumhachd ùr nach d’ fhiosraich m’ inntinn riamh ’s mi ’m dhùsgadh. Tha mi ’n cuideachda righrean agus flaithean an domhain. Bheir mi sgriob do ’n Fhraing, agus gu grad théid mi as a sin do na h-Innsibh. Dìridh mi, ann am prioba na sùl, do ’n ghealaich, agus téarnaidh mi cho grad do uamhaibh dorcha na talmhuinn. Marcaichidh mi an cearban air a’ chuan, no am fiadh air a bheinn. Bidh mi ’n dara h-uair ag gabhail dhuanag leis a’ mhaighdinn-mhara fo ’n fhairge ghuirm, no a’ dannsa leis na sìthichean air an tulaichibh uaine. Saoilidh mi gu bheil comas agam air uairibh siubhal gun chas a ghluasad, ach ag iathadh gu h-aotrom uallach gun fhios agam ciamar, mar ian beadarach, o chnoc gu cnoc, no a’ snamh gu h-aithiseach mar cheò an t-sàmhraidh. Mo bheannachd aig bruadair na h-oidhche, is iomad aotromachadh thug iad riamh dhomh; ach ’s éigin domh aideachadh gu bheil, air uairibh, aislingean mi-thaitneach agam. Ma thuiteas dhomh bhi sealgaireachd ’s a’ bheinn, tha mo ghunn’ a diùltadh agus am fiadh ag amharc orm an clàr an aodainn. Ma ’s ann a luinneireachd a bhitheas mi, tha ’n stiùir air m’ fhagail, tha ’n crann-toisich a mach air a’ chliathaich, agus taoim gu tobhtaichean. Ma théid mi do ’n choille chnò tha leannan mo ghràidh a’ sleamhnachadh bhuam leis an eas, agus chi mi a suailean donn, ’s a làmh fhada gheal ’s a chuairteig dhorcha dhomhain a tha gu h-iosal fotham. Ma théid mi chreach nead na h-iolaire, tha mi ’tuiteam o sgorr na caeige, ’s an crochadh ri preas beag a tha ’n cunnart géilleadh leam. Air uairibh, ’s mi ’m chadal, saoilaidh mi gu bheil mo cholainn air àt gu tomalt anabarrach, a h-uile cas agam mar shac mine, ’s a h-uile miar cho garbh ri buideal. Tha mi air uairibh a bruadar gu’n do thuit mi bharr an eich, ’s gu bheil e an darra cuid na laidha air mo mhuin, no ga m’ shlaodadh as à dhéigh. Bha mi o cheann oidhche no dhe crochte le fuiltein mo chinn ris a’ ghealaich, agus i ’falbh le luaths’ mòr ’s an iarmailt. Bha ’n cuan mòr gu h-iosal fotham, cha bu mhò Breatunn na eilein Mhuile, no an luingeas mòr na na frìdean. Bha eagal mo chridh’ orm gu ’m bristeadh an ròinnein, ’s gu’n tuitinn ’s an àbheis oillteil a bha fotham. Ma dheireadh mhothaich sgiobair na gealaiche de rionnaig-earballach a’ dlùthachadh air, na ’caoiribh dearga, agus ghlaodh e mach. “Gearraibh an ròinnein, leigibh as e, tha e cur moille oirn;” an uair a chunnaic mi chorc a’ dol air, thug mi sgriach oillteil asam a dhùisg as mo shuain mi. A nise nach iongantach an gnothach so uile, agus nach do-thuigsinn buaidhean inntinn mhic an duine. Is tric a chuala mi mo mhuime Seònaid ni’n Eoghainn ag inseadh mu chladh na dùthcha anns an d’ rugadh mi, gu’m b’ àbhuist do spiorad nam marbh éirigh air mheadhon oidhche a shiubhal an t-saoghail, agus aig gairm nan coileach, tilleadh a ris a dh-ionnsuidh an tighean caola còmhnuidh. ’S ann mar so, ann am bharail-sa, a tha inntinn an duine, co luath ’s a tha cholainn na ’suain tha ’n t-aoidhe so a’ dol a mach a shiubhal an domhain, agus tillidh e a rìs ’n uair a dhùisgeas i. Thugaibh dhuinn fiosrachadh air a chùis so. Ge h-aineolach mise seach sibhse, tha mi tarruing a cho-dhunadh so uaithe, gu bheil an inntinn à eisimeil na colainne, gu bheil buadhan aig an spiorad nach urrainn cadal a mhilleadh: tha mi tuigsinn o so gu bheil a’ cholainn na ’nasgaidh no na h-uallaich air an spiorad, agus an uair a chuireas an t-anam dheth an corp truaillidh so gu ’n ’éirich e gu àirde agus foirfeachd nach urrainn duinn a nis a thuigsinn. Caidlidh a’ cholainn car seal ’s an uaigh, ach bithidh an spiorad sìor-bheo; a nis tha e air a chumail fodha le uallach na feòla, agus do ’n uallach sin is tric a tha e sgith ach an uair a shaoras cadal a bhàis e o’n uallach so, èirigh e gu coi’-liontachd neo-chriochnaich. [TD 44] [Vol. 5. No. 7. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, OGUST 15, 1896. An do phàigh thu am MAC-TALLA? Mur do phàigh na dean maile; cuir a nall e ’s na cuir dàil ann, ’s ni thu fàbhar ruinn is math leinn. Cha mhaith an sùaimhneas sin a dhruideas ann fhirin a mach air an dorus. Mur teid suaimhneas agus firinn lamh air laimh, is coir an fhirinn a roghnachadh, agus greim a dheanamh oirre mar bhan-chompanach an àite suaimhneas. Thatar a deanamh a mach gu robh air a chuid bu lugha muillein bàs ann an Armenia air tàilleabh nan Turcach, eadar na mhort ’s a mharbh iad agus na bhàsaich leis a’ ghort. Agus tha rioghachdan Criosdail na Roinn Eorpa a seasamh timchioll gun uiread us bacadh a chur air an t-Sultan. Thubhairt teallsanach àraidh roimh so “gu’m bi ùine oighreachd-san.” Is oighreachd i gun teagamh a ta luachmhor, ach cha toir i toradh sam bi a mach gun ath-leasachadh. Is oighreachd i gun teagamh a dh’ ath-dhiolas gu pailt saothair an dichiollaich, mur fàgar earran di fàs trid mi-churaim, agus mar cuirear a mach i nis mo air son seallaidh, na air son feuma. Bha Dughall a’ dol gu Paisley, air an trein, agus bha e ’g iarraidh seoladh an rathaid air Domhnull. “Ma ta” arsa Domhnull “theid thusa stigh dh’ an trèin ’s falbhaidh an trèin, agus thig i gu àite-stad, agus saoilidh tusa gur e Paisley a th’ ann, ach cha’n e Paisley a th’ ann idir, agus falbhaidh i, ’s falbhaidh i, agus thig i gu aite-stad eile, agus saoilidh tu gur e Paisley a tha ’n sin, ach cha’n e Paisley a th’ ann, agus falbhaidh us falbhaidh i rithist ’s thig i gu àite-stad eile, agus saoilidh tu nach e Paisley a th’ ann idir, ach ’se Paisley a th’ ann, agus thig thu as an trèin an sin. Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan, Curraichdean, Leintean agus Brogan, aig D. J. Domhnullach. Tha a phris iseal, ’s tha gach ni a gheobh thu aige math. Ciod air bith is miann leat a leantuinn anns an t-saoghal, cha téid a’ chuis leat ach a mhàin le dìchioll cruaidh. Buainich gu foighidinneach gus am bi an inntinn ’na làn uidheam, agus gus am bi an cridhe air a cho’-dhaingneachadh ann an creideamh agus gràdh. Tha àimhreit eadar càraid phòsda cosmhuil ri seòmar aig am bheil uinneag air gach ceann dheth. Ma dh’fhosgailear an da uinneag còmhladh, bithidh gaoth-tharruing agus fuachd ’san t-seòmar, ach ma dhùnair a h-aon diubh, bithidh an seòmar tiorail agus taitneach. Mar sin, air an t-seòl cheudna, an uair a dhùisgeas connsachadh eadar fear agus bean, ma dhruidear aon bhéul bithidh sìth ’san fhàrdaich air ball. Thachair sgiorradh craiteach ann an East Point, E. P. I., Di-luain s’a chaidh. Chaidh nighean do Joseph Mac Eachairn, aois naodh bliadhn’ deug, a mharbhadh le tuiteam bhar cartach. Cha d’rinn i ach tigh’n dhachaidh beagan lathaichean roimhe sin, agus chaidh i air a chairt comhla ri gille beag a bha dol a thoirt uisge dhachaidh. Air an rathad ghabh an t-each sgaoim, agus theich e; chaidh a chairt thairis agus bha an nighean bhochd air a marbhadh. Is iomadh màthair fo lag-mhisnich a ta filleadh nan làmh sàruichte aice air an fheasgair, an duil nach d’ rinn i a bheag ré an latha, ged nach do chuir i seachad aon mhionaid ann an diomhanas o’n dh’eirich i ’sa mhaduinn. Nach mor e do’n mhàthair a bhi làthair an uair a thig a cuid leanaban d’a h-ionnsuidh le’n gearanaibh agus le’n gairdeachas! Nach mòr e do’n mhathair an uair a théid a companach a mach le tlachd chum a chuid oibre, agus a phileas e le toil-inntinn aig an fheasgair gu’ dhachaidh shona fein O! a mhathair shòruichte agus dhilis na smuainich nach d’ rinn thu nithe mòr’ agus luachmhor, an uair a rinn thu do dhleasnas dod’ chèile s’ dod, chloinn, oir cha ’n ’eil fios agad air do chumhachd agus air do chudthromachd fein gus an cuirear chum cleachd iad. Sean Fhacail. An rud nach leam cha tarruinn. An rud a bhios ’san dàn tachraidh e. An rud nach faic sùil, cha chiùrr cridhe. An onair nach fhaigh duine a ghnàth, na biodh e ’ga h-iarraidh aon tràth. An rathad a chuir thu an gruth, cuir ’na shruth am neòg. An rud a ghabhas ise ’n h-aire, cha chuir an rìgh fhein as e. An rud a’s fhiach a ghabhail, is fhiach e ’iarraidh. An rud a ni Domhull dona, millidh Domhull dona. An rud a thig gu dona, is eutrom a dh’ fhalbhas e. An rud a thig leis an t-sruth, falbhaidh e leis a ghaoith. OGUST, 1896. 1 Di-sathairne An Liunasdal. 2 DI-DONAICH 9mh Donach nn Trianaid. 3 Di-luain (2) An Cr.mu dheir.de ’n t-Sol. 2. 20 F, 4 Di-màirt (2) Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52 5 Di-ciaduin Bas Rob Dhuinn, 1778. 6 Dior-daoin (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598. 7 Di-haoine A Ghrian ag eiridh, 4,58, 8 Di-sathairne Duibhre air a Ghréin. 9 DI-DONAICH 10mh Donach na Trianaid. 10 Di-luain (9) An Solus Ur, 0.48. M. 11 Di-màirt Blar Dhailrigh, 1306. 12 Di-ciaduin A Ghrian a’ laidhe, 7.6, 13 Dior-daoin Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746 14 Di-haoine Bas Mhorair Chluaidh, 1863. 15 Di-sathairne A cheud Chr’tl. dhe’n t-Solus, 4.49, F 16 DI-DONAICH 11mh Donach na Trianaid. 17 Di-luain Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786 18 Di-màirt Blar Preston, 1649. 19 Di-ciaduin Bliadhna Thearlaich, 1746. 20 Dior-daoin Bas ’Ic Coinnich (Sar Obair.), 1849. 21 Di-haoine Blar Dhunchaillinn, 1689. 22 Di-sathairne (23) Bas Uilleim Uallais, 1305. 23 DI-DONAICH 12mh Donach na Trianaid 24 Di-luain, (23) An Solus Lan, 2.50, M. 25 Di-mairt Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-ciaduin A Ghrian ag eiridh, 5.20. 27 Dior-daoin Sealg Bhraight Mhair, 1714. 28 Di-haoine A Ghrian a laidhe, 6.39. 29 Di-sathairne Blar Loch-Aillse, 1722. 30 DI-DONAICH 13mh Donach na Trionaid. 31 Di-luain AnCar’tl mu dheir.de’n t-Sol.6 41M D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. [TD 45] [Vol. 5. No. 7. p. 5] NAIDHEACHDAN Bha boirionnach do’m b’ ainm Mairearad Falconer, ann an Eureka, am Pictou, a mach ag iarraidh a chruidh feasgar o chionn ghoirid, agus thuit i marbh le tinneas a’ chridhe. Tha’n tiormachd a cur tilleadh mor anns a’ bhárr eadar Montreal us Kingston, agus tha na pastair air an losgadh gu dona. The biastagan mar an ceudna a deanamh milleadh mor air an arbhar. Tha an t-Urr. T. C. Jack, á Maitland, N. S., an deigh gairm fhaotainn o choithional na h-Eaglais Chleirich ann an Sidni Tuath. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil e ’n deigh a’ ghairm a ghabhail. Bha stoirm uisge ’s chlachan-meallain ann am Manitoba air an t-seachdain s’a chaidh, agus thatar a’ deanamh a mach gu’m bi am bàrr cruithneachd faisg air da mhuillein buiseal na’s lugha air a tailleabh. Thainig bàs cianail air fear Iain Dowling o chionn ghoirid aig Gay’s River, N. S. Bha e toirt each òg a stigh as a phastar, agus theich e air, ’ga shlaodadh-san leis air ceann ròp. ’N uair a chaidh a thogail bha e marbh. Bha fear Iain Whitman, ann an Lunnenburg, N. S., air fheuchainn o chionn ghoirid air son a bhi deanamh droch dhial air crodh coimhearsnaich. Fhuaireadh ciontach e, agus chaidh seachd bliadhna dhe’n tigh-obrach a thoirt dha. Tha a’ phàrlamaid ùr ri bhi cruinn Di-ciaduin s’a tighinn. Tha an Riaghladh a’ gealltuinn nach bi i ’na suidhe ach beagan ùine, fhad ’sa bhithear a bhòtadh an airgeid gus riaghladh na dùthcha chumail air adhart gus am bi i cruinn a rithist. Tha fios a thainig á New York Di-ciaduin ag innse gu’n do dh’ aobharaich an teas mor a bh’ aca anns a bhaile sin air an t-seachdain so, o’n thòisich e, bas thri ceud ’s sia air fhichead, agus cha robh choltas aig an àm sin gu robh an teas idir seachad. Bha teine ann an New York Di-màirt s’a chaidh, agus thatar a’ deanamh a mach gu robh eadar coig duine deug us fichead duine air an losgadh gu bàs ann, agus tha choltas air àireamh de dh’ fheadhain a fhuair as le’m beatha gu ’n toir an losgadh a fhuair iad am bàs fhathast. Cha’n eil fhios ciamar a thòisich an teine. Thatar a smugaladh moran deoch làidir a stigh do Chuibeic. O chionn ghoirid chaidh soitheach a ghlacadh ris an obair, ach bha i air pairt dhe’n luchd a chur air tir mu’n d’ thainig na h-oifigich oirre. Chaidh an soitheach ceudna a ghlacadh roimhe ris an obair, agus chaidh a creic air rup, ach fhuair a sgioba fhein air ais a rithist i. Bha teas anabarrach aca ann am Montreal, agus ann an cuid de bhailtean mora nan Stàitean toiseach na seachdain so. Ann am Montreal bha ’n teas cho ard ri 90°, na b’ àirde na bha e o chionn iomadh bliadhna. Ann am Providence, R. I., bha seachdnar air am marbhadh le teas na grèine eadar Di-satharna ’s Di-màirt. Ann an New York chaochail coig duine fichead ’san ùine sin air an aon dòigh. Tha àireamh de sheòladairean anns a’ phriosan ’sa bhaile aig an àm so air son diùltadh an obair a dheanamh air bòrd an t-soithich Landsdowne, soitheach a bhuineas do Riaghladh Chanada, agus a bha mach air a chuan mhor aig an am. Bha na daoine air am feuchain aig cùirt ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh, agus fhuair gach fear dhiubh ceithir seachduinean priosain. Bha na daoine a’ gearain nach robh iad a faighinn biadh ceart air bòrd an t-soithich, agus gu’m b’e sin a thug orra seasamh a mach. Tha e gle iongantach mur urrainn Riaghladh na dùthcha biadh ceart a chumail riuthasan a bhios ag obair dhaibh. Tha bazaar gu bhi aig muinntir an C. M. B. A. anns a bhaile so Di-màirt ’s Di-ciaduin s’a tighinn. Tha iad an deìgh talla bhriagha ùr a chur suas dhaibh féin, agus ’s ann air son a’ phàigheadh a tha ’m bazaar gu bhi aca. Tha sinn an dòchas gu n soirbhich gu math leotha. Tha tigh-òsda ùr a nis ann an Sidni. Bha e air a chur suas le Mr. Raonull Gillios, agus bha e air fhosgladh a sheachdain gus an Di-mairt s’a chaidh. Tha e ’na thigh mor rùmail, agus air a shuidheachadh ri oir a’ chladaich. Tha e air aon de na taighean-òsda ’s briagha th’ air an eilean. Thuit fear Philip Ryan fo’n charbad-iaruinn ann an New Glasgow, oidhche Di-mairt s’a chaidh, chaidh na cuidhlichean seachad air a chasan ’gan gearradh dheth os cionn nan gluinean. Bha e dol air a’ charbad air son a dhol gu Halifax nuair a thachair an sgiorradh dha. Bha e 34 bliadhna dh’ aois. Bha an t-Onarach Deòrsa Murray air a thaghadh gu h-aon-ghuthach le luchd-taghaidh Victoria Di-sathairne s’a chaidh. Cha robh sin ach mar bu chòir a dheanamh; oir ’se a cheud phriomhair a thug Ceap Breatunn do Nobha Scotia riamh, agus bu chòir da cho-luchd-dùthcha an t-urram sin a thoirt da ge air bith de phàirtidh dhe ’m bitheadh e. ’N uair a thainig ban-righ Victoria air a chrùn, bha da fhichead duine ’sa seachd as gach ceud de luchd-àiteachaidh nan eileanan Breatunnach nach b’ urrainn aona chuid leughadh no sgriobhadh a dheanamh. An diugh cha’n eil ach seachdnar as gach ceud dhiubh cho gann sin de dh’ fhoghlum. Tha ionnsachadh agus eòlas an deigh adhartas mor a dheanamh measg an t-sluaigh o chionn thri fichead bliadhna. Tha ar deagh charaid, Mr. Seoras Mac Gilleain, anns a bhaile rithist air a chuairt àbhaistich, as leth an Standard Life Assurance Co. Tha a’ chuideachd so a deanamh gnothuich o’n bhliadhna 1825. Tha i air aon de’n fheadhain a’s làidire ’s a’s fiadhluidhe dhe’n t-seòrsa, agus mholamaid i air thoiseach air aon sam bith eile. Tha corr us $40,000,000 aig an Standard air cùl a làimhe, agus $12,000,000, dhe sin ann am bancaichean Chanada. Tha aig arm na Spainne ri cath a chur ri namhaid a’s guiniche ’s a’s marbhtaiche ann an Cuba na na ceannaircich. Tha am fiabhrus buidhe an deigh am bualadh; tha na miltean dhiubh ’nan laidhe tinn leis, agus moran a bàsachadh. Cha’n eil e gle choltach gu bheil a soirbheachadh leis an Spàinn ann an cisneachadh Chuba ach gu h-olc; ’se ’s coltaiche nach teid aice air a chisneachadh idir. Chaochail Alasdair I. Mac-an-Tòisich, duin’ òg a mhuinntir Mhalagawatch, ann am Boston toiseach na seachdain s’a chaidh. Chaidh e dh’ an bhaile sin o chionn cheithir bliadhna, agus latha no dha mu’n do chaochail e sguir e dh’ obair ’s e deanamh deiseil gu sgriob a thoirt dhachaidh. Oidhche Di-luain chaidh e chadal ’se ’na shlàinte àbhaistich, agus ’sa’ mhaduinn fhuaireadh marbh anns an leabaidh e. Cha robh e ach mu thri bliadhna fichead a dh’ aois. Am feadh sa bha fear Seòras Dùghlach, tuathanach a mhuinntir New Glasgow, a dol dhachaidh oidhche Di-luain s’a chaidh, rug, dithis dhaoine air, leag iad e ’s thug iad uaithe na bha de dh’ airgead air a shiubhal, mu naodh dolair. Chaidh urchair a losgadh air, ach gu fortanach cha d’ amais i air. Ghlaodh e air son cuideachadh agus cho luath ’s a dh’ fhairich iad daoine tighinn, theich na robairean. Mur biodh sin cha’n eil teagamh nach robh iàd air droch dhiol a dheanamh air. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 46] [Vol. 5. No. 7. p. 6] AN D’THAINIG NA GAIDHEIL AN IAR ROIMH AM NA DILE? Feudaidh a’ cheist so a bhi air a cur le neach ’sam bith; ach mar tha fìor a thaobh cheistean mu nithibh eile cha ’n ’eil freagradh fhaotainn di idir cho furasda. Tha am beagan a leanas air a thoirt air aghaidh mar bharail a dh’ fheudas a bhi ’na cuideachadh gu cùisean a réiteachadh air son fuasgladh fhaotainn do ’n cheist. Cha bu mhaith leam gu’n togadh neach ’sam bith ceàrr mi, le bhi smuaineachadh gu’m bheil mi a’ ruith gu h-eutrom is gun tùr an aghaidh teagasg neo-fhàilneach a’ Bhìobuill ann a bhi eadhon a’ cur na ceist,—ann a bhi a’ feòraich gu teagmhach mu’n chùis. A thaobh na bheil againn anns a’ Bhìobull ’si mo chreud gabhail gu creidmheach neo-theagmhach ris gach fìrinn a tha againn air a leagadh sìos ann gu soilleir; ach air an làimh eile tha mi gleidheadh saorsa beachd no barail dhomh féin a thaobh nithean nach ’eil air am foillseachadh gu h-iomlan no gu coimhlionta anns an Fhocal. Tha mi saoilsinn gu’m bheil am beachd a tha mi gabhail air a’ chùis glan réidh agus co-shìnte ri rùn teagaisg a’ Bhìobuill cho fad agus a tha sin a’ toirt leis ’n a luib ni ’sam bith a chuidicheas fuasgladh do’n cheist. A bhàrr air so, cha ruig sinn a leas a bhi fo àmhghar gu’n téid creideamh no cràbhadh a charuchadh ás an àite le barailibh luaisgeach do’n t-seòrsa so, a tha ann an diugh is ás am màireach; oir gu tric cha’n ’eil iad ach ’nam meadhon a tha treòireachadh a dh’ ionnsuidh fìrinn is mò agus is cudthromaiche fhaotainn a mach no a dhaingeachadh. Tha ceud ghluasad no imrich prìomh theaghlaichean a’ chinne-dhaonna ’na chuspair mu’m bheil mòran air a labhairt agus air a sgriobhadh. Ach far nach ’eil eachdraidh ag ìnnseadh le guth dearbhte mu na ròidibh a ghabh na fògaraich sgapte dhoibh féin tha beachdan luchd-rannsachaidh tur eug-samhuil gu tric, agus cha’n ’eil riarachadh ach gann ri fhaotainn. Cha bhi ioghnadh ormsa, uime sin, ged nach faigh a’ h-uile fear riarachadh anns na leanas: I.—Teisteannas luchd-Ealain. Tha cuid a cur na cùis air an dòigh so. Tha Ealain am beòil a luchd-riochdachaidh a’ tagradh gu’m bheil aois agus eachdraidh aig cuid do chinnich a tha dol fada ni ’s fhaide air ais na àm na Dìle o’n do shaoradh Noah. Tha aon a’ sgrìobhadh mar so: “Tha dòigh sgrìobhaidh Aibidealaich ann a nis o cheann tri mile bliadhna no còrr, agus tha modhan sgrìobhaidh dealbhaich ri ’m faotainn a’ dol air ais trì mìle bliadhna eile.” (Humphreys’s Origin and Progress in the Art of Writing.) Tha sinn mar so air ar toirt a dh’ aon leum ar air n-ais gu làithibh Adhaimh. Tha e cumail a mach gu’n robh modh sgriobhaidh coimhlionta aig na h-Eiphitich roimh àm Abrahaim; gu’m bheil sgriobhaidhean d’an cuid a làthair, far am bheil iomradh air rìgh sònruichte, Souphi, a bhuineas do lìnn “air a’ chuid is lugha ceithir mìle bliadhna roimh theachd Chrìosd.” Tha e nochdadh mar an ceudna gu’n robh eòlas sgrìobhaidh ri fhaotainn am measg nan Chinese “trì mìle bliadhna” mu ’n d’thàinig Crìosd. Ach cha ’n ’eil an so ach aois bheag an coimeas ris na lìnntibh a chùnnt Epignes, air am bheil Pliny ag iomradh; tha esan ag rádh gu’n d’ fhuair e cùnntas mu reul-eòlas am measg seann mhuinntir Bhàbiloin a bha a’ sìneadh air ais gu còrr is seachd ceud mìle bliadhna (720,000!), agus gur h-ann air clachaibh creadha a fhuair e an sgrìobhadh. Ach ged nach ’eil e duilich an spleadh so a chur á dealbh fìrinn, gidheadh cha ’n ’eil e cho soirbh beachdan a tha air am bonntachadh air rannsachadh Young agus Chempollion a choinneachadh. O’n mhìneachadh a tha iadsan a’ deanamh air seann sgrìobhadh agus gràbhaladh a gheibhear air clachdaibh agus air leacaibh aosda na h-Eiphit, thatar a’ codhunadh gu’n robh Ealain a’ Sgrìobhaidh air a cleachdadh am measg nan Eiphiteach fagus do chûig mile bhliadhna roimh àm teachd Chriosd. II.—Teisteannas a’ Bhiobuill féin. Gheibh sinn mar an ceudna anns na Sgriobtuiribh féin suidheachadh agus iomradh air nithibh a tha ag amharc air ais ri tùs o’n d’ fhas iad,—tùs ni ’s aosmhoire na am beachd coitcheann a thatar a’ togail o’n Bhìobull Ann an làithibh Abrahaim tha sinn a’ leughadh mu ’n staid eòlais agus ealain air an d’ ràinig na h-Eiphitich. Tha iad air an cur f’ ar comhair mar chinneach agus mar rìoghachd ann an làn òrduigh, crutha, agus coimhliontachd. Bha eòlas aca air Ealainibh, mar chunnaic sinn mu Ealain a’ sgrìobhaidh, air nach ’eil cinnich a’ faotainn greim ann an ùine bhig. ’S ann a mhàin mar thoradh air mòran feuchain, oidheirp, agus saothair, a tha a leithid so do dh’ àirde eòlais ri a faotainn am measg chinneach,—mar thoradh air fàs cuairt mhòr do bhliadhnachan. Am measg nan nithe eile a dh’ oibrich iad a mach dhoibh féin, gheibh sinn rian a’ sgrìobhaidh. Ràinig iad aig an àm so air ceum àrd na h-aibideil—ceum air nach d’ ràinig mòran do chinnich na h-àirde-’n-ear gus an latha ’n diugh. Is ann le saothair mhòir o mhodh sgrìobhaid le deilbh a ruigear air inbhe na h-aibideil. A nis bha an Eiphit an làn sheilbh air so agus air ioma rud eile ann an lìnn Abrahaim. Agus ’n uair bheir sinn fainear nach robh ann an Abraham ach an deicheamh o Noah, tha e ’na aobhar ioghnaidh gu ’m b’ urrainn do chinneach mòr, a ràinig air mòran eolais, ealain is innleachd, a bhi air fàs suas anns an Eiphit ann an ùine cho goirid. Agus cha ’n e a mhàin gu’n robh an Eiphit air fàs suas ’n a cinneach treun anns an ùine ghoirid ud; ach gheibh sinn mar an ceudna moran do rìghrean agus do shlòigh eile mu ’n cuairt anns a’ cheáirn ud. Feudar so a thuigsinn o chogadh Chedarlaomeir agus a chompanach. Os bàrr so, bha sluagh tiugh sgaoilteach ann an Canaan; agus mar an ceudna ann am bailtibh a’ chòmhnaird, Sodom, Gomorrah, Adman, is Seboim. A nis is e an ni duilich fhosgladh air dòigh riarachail, cionnus a b’ urrainn an Eiphit, anns an ùine ghoirid a bha eadar Noah agus Abraham, fàs suas gu cruth agus staid cho coimhlionta agus a tha ’ga cliùthachadh ann an làithibh Abrahaim? Tha e soilleir gu’n gabhadh e cuig no sè linntean o Noah mu ’m b’ urrainn sluagh gu leòir a bhi ri fhaotainn ’s an Eiphit a dh’ oibricheadh a mach ealain is innleachd. Bhiodh na ceud ghinealaich ’nan luchd-gleidheidh bhuar is threud. A rìs tha e doirbh a thugsinn cionnus a b’ urrainn an Eiphit is cinnich eile tighinn gu h-inbhe cho àrd ann an ceithir no cuig a linntean ’na dhéigh sud. Bha aithrichean an là gun teagamh a’ faotainn aois mhòir, ach cha réitich so a’ chùis gu buileach. A réir mo bheachd-sa gabhaidh an gnothuch a bhi air a shoilleireachadh gu Sgrìobturail agus sin an còrdadh ri eachdraidh mar an ceudna, le aobhar agus run na Dìle a chumail ’n ar cuimhne. III.—Run agus Farsuinneachd na Dile. Tha a’ chuid is mò do dhiadhairibh maille ri luchd-ealain ag aideachadh a nis nach robh an Dìle a’ còmhdachadh aghaidh na talmhain gu h-iomlan. Tha iad ag ràdh nach robh e feumail gu ’m biodh sgrios tuileil ’s am bith air a thoirt air ceàrnaibh anns nach robh daoine a chòmhnuidh. Nach robh e feumail mar so a thaobh rùn Dhia gu’m biodh an tuil uile-fharsuinn. A ris ri taobh so tha e soilleir a réir a’ chùnnntais a tha againn air meud ua h-àirc nach b’ urrainn dithis do gach creutair beò air thalamh a bhi air an gabhail a steach innte. Tha an àireamh diubh so air am bheil eòlas mionailteach a’ toirt cùnntais dhuinn a nis cho mhòr, agus gach latha a’ fàs, ’s gu ’m biodh e tur mi-reusonta a smuainteachadh gu ’n d’ fhuair iad àite ’s an àire. Ach chì sinn nach ’eil aobhar àraidh ’s am bith a bhi cumail a mach gu ’m feumadh iad uile a bhi innte. ’N uair a sheallas sinn ri rùn, modhannail no crìoch shònruichte na Dìle, gheibh sinn, a réir mo bheachdsa mìneachadh riarachail air a’ chùis. Tha rùn Dhia ann a bhi toirt sgrios air an t-saoghal leis an Dile air dheanamh glé fhoillsichte. Chunnaic Dia iomchuidh, agus feumail d’a riaghladh modhannail air daoinibh, gu ’m bu choir peanas a dheanamh air an aingidheachd uamhasaich ud a thàinig an lorg a’ chomhcheangail mhi-naoimh agus mhi-nàdurra a rinneadh eadar sluagh sònruichte Dhé féin agus a’ mhuinntir a bha an taobh a mach do chrìoch an fhìor chreidimh agus aoraidh. Ghabh mic Dhé nigheana dhaoine d’ an ionnsuidh an aghaidh a’ chleachdaidh agus na h-àithne. Tha an leithide sud do chuingibh mi-naomha air an dìteadh o thoiseach gu deireadh a’ Bhiobuill; agus gheibh sinn gu bheil Dia a’ fiosrachaidh air dòigh ro gheur an toraidh uile a thig ’na [TD 47] [Vol. 5. No. 7. p. 7] dhéigh sud. Sgriosadh bailtean a’ chòmhnaird air son aingidheachd a bha car do shamhuil sud; agus a rìs air son gu ’n robh iad cho fagus do shluagh sònruichte Dhia féin. Chi sinn mar so gur h-ann a chronachadh aingidheachd agus a bhacadh a fàis a tha Dia a’ tighinn gu h-uamhasach aig àmanna àraidh le dìoghaltas air peacadh; agus mar an ceudna a ghlanadh oighreachd féin agus a’n gleidheadh cuimhneachail air an crìoch nèamhaidh. Ann a bhi a’ sealltuinn air rùn Dhia anns an dàimh so chi sinn nach ’eil e, air a’ chuid is lugha, mi-reusonta a bhi ag altrumas a’ bheachd nach ruigeadh Dia a leas gach treubh air thalamh a sgrios a dhìon no dh’ fhirineachadh a cheartais no a dheadh riaghlaidh am measg dhaoine. B’ urrainn e, agus rinn e gu tric, a chliù agus a cheart uachdranachd fhoillseachadh agus a dhearbhadh le làimh a bhreitheanais a leagadh air ceàirn no cuid gun na h-uile bhi air ghabhail a steach ann an sguib a dhioghaltais. A thaobh teaghlach a’ chùmhnaint am measg am feum e ghnàth fianais a bhi aige dha féin, tha e soilleir cionnus a bhiodh e iomchuidh agus ceart labhairt air sgrios na dile mar bhreitheanas a ghabh gach beò ’na luib,—aig an robh na h-uile ach Noah a mhàin agus a theaghlach an glaic. Agus fo bhuaidh sgriosail slat an dioghaltais mar an ceudna thigeadh na treubhan a b’ fhaisge do shluagh a’ gheallaidh; do bhrigh agus gu’n robh iad ’n am buaireadh agus ’nan ceap-tuislidh dhoibh. Dh’ fheudadh Maois sealltuinn agus labhairt air teaghlach a’ chumhnaint mar a’ teachd fo sgrios uile-fharsuinn a’ gabhail a steach nan uile. Feudaidh na facail, “an saoghal uile” a bhi air an tuigsinn ann an seadh cumhann mar dh’ fheumar a dheanamh a thaobh cuid eile do’n Bhiobull. IV.—Codhnuadh. Mhineachadh am beachd so mu fharsuinneachd na dile cionnus a bha mòran slòigh a rainig air àirde ealain is innleachd ri fhaotainn anns an Eiphit cho tràth ri àm Abrahaim. Dheanadh e mar an ceudna ni ’s so-thuigsinn cionnus a gheibhear luchd-àiteachaidh, cho fhad agus a tha eachdraidh a’ dol, ann an cèarnaibh eug-samhuil na talmhain; mar an ceudna an ni iongantach gu ’n robh sìol nàistneach do dhaoinibh anns gach dùthaich a fhuaradh a mach riamh fathast. Bhiodh e ni b’ usa ceud àiteachadh na Roinn-Eòrpa a thuigsinn a réir a’ bheachd so; agus mar an ceudna an t-àm tràth aig an d’ fhàg na Gàidheil an àirde-’n-ear, agus a thriall iad troimh cheàrnaibh deas na h-Eòrpa, anns an robh iad uine mhor roimh éiridh na Gréige agus na Ròimh. Bhiodh an triall no an cuairt troimh ’n Ghréig agus troimh ’n Eadailt aig an aon àm anns an robh an Eiphit ’n a séis; agus anns an robh an h-Iùdhaich no na h-Eabhraich a’ fàs ’n an cinneach. Dheanadh am beachd so màr an ceudna ni bu choslaiche cionnus, mar tha na Greugaich ag innseadh dhuinn, a bhiodh e comasach do Fheallsanach Druidhneach o na h-Eileanaibh Tuathach so,—“the hyperborean philosopher,”—dol a dh’ fhaicinn na sgoil fheallsannaich ’s a’ Ghréig air an robh Pythagoras ’n a cheann. Bha meas mòr aig na Greugaich theuma air an eòlas agus air an fheallsanachd a nochd Abaris a bhi aige. Is tha e gun teagamh iongantach cionnus a b’ urrain fear cho fòghluimte dol às na h-Eileinibh so cho tràth ri sé ceud bliadhna roimh theachd Chrìosd; agus aon seachd ceud bliadhna roimh ’n àm anns robh Fionn is Oisein beò. Ann an solus nan nithe so mar an ceudna tha e ni ’s usa a chreidsinn agus a thuigsinn gu dé mar a bha tùir dhion nan Gàidheal agus an clachaireachd ag amharc aosda ri lìnn nan Ròmanach. Tha mi a nis a’ fàgail na cùis so agus mo bharailean féin mu déibhinn aig feadhainn eile aig am bheil theagamh fradharc is faide agus is géire. Ach their mi fathast gu feud e an déigh so a bhi air a dhearbhadh air bonn fìrinn nach e sgeulachd tur gun toinisg a bh’ ann an uaill Mhic-Neill Bharra, Nach robh esan an eiseimeil àirc Noah, gu ’n do sheachain e an tuil ’n a dheadh Bhìrlin féin! SEANN RAMH. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 48] [Vol. 5. No. 7. p. 8] LAOIDH. Thig, a thobair mhéir gach tìodhlaic, Gléus mo chridh’ a sheinn do ghràis; Sruthean tròcair ’ruith gun dìocadh; Gluaisidh mi gu cliù is gràdh. Tugam an so m’ Ebenéser, ’S tu is téarmunn domh gach uair; ’S tha mi ’n dùil gu d’ àros nèamhuidh Gun dèan thu mo ghiùlan suas. Thàinig Iosa Crìosd ga m’ shireadh, ’S mi air seachran uait ’s an càs; ’S chum mo theasairginn o mhilleadh, Dhoirt e ’fhuil is dh’ fhuiling bàs. O, do ghràs, cia domhain m’ fhiachan, ’S mi na fheum gach oidhch’ is là! Biodh e dhomh mar gheimhlean iarainn, ’Ceangal m’ anma riut gu bràth. Tha mi ullamh—mar is nàr dhomh— Gu bhi ’fàgail Dia mo ghràidh; Gabh mo chrìdh’, a Shlàn’gheir ghràsmhoir, Séulaich e chum Tìr an Aigh. ORAN. Chuala mi na ceathrannan a leanas aig caraide domh, agus shaoil leam gu’m bu mhath a b’ fheach iad an clo-bhualadh, agus na’n deanadh sibh sin bhithinn fada ’n ur comain. B’e ceann-aobhar an òrain bhig so teachd dhachaidh Uilleim A. Mhic Fhionghain do Christmas Island à Boston. Co rinn e ach Ailein Mac Gill-Fhaoilain, mac brathar do Dhomhnull Gobha. Tha Ailein an drasda ’m Boston. Tha tomhas math de bhàrdachd anns an duine so, agus tha dochas agam fhathast tachairt air fhein, agns pairt de rannan a sgriobhadh. DOMHNULL. AIR FONN:—Bonnie crossing the Alps. Tha samhradh tlachdmhor, iochdmhor, neartmhor Nis air teachd chur fàilte oirnn, ’S a’ ghrian le ’teas cur brigh ’s gach meas ’Tha lubadh phreas gu pailte oirnn; Tha anail neòil (’s fharsuinn beòil A seideadh sheòl gu cosnadh) Air thalamh tlàth le pòg gach la Toirt fionnachd tràth le osnadh. Gach craobh le buaidh bho ’h-eideadh nuadh Nach eil fo fhuachd ’ga furtachd, Do phairc ’s fàl an crodh le ’n ál Tha tràigh us sàl neo-ghortach. ’Nuair shiubhlas uainn ar caraid buan Dhe’r beinn no cuan ’g ar fàgail, Cha dean bun-stàth gach ni so tha Cridh fear no mna a thogail. ’S co-ionnan Mairt le naimhdeil neart Bho eadadh gairteach geamhraidh Gach tinneas gruaidh, gach binneas uaidh, ’S milis snuadh an t-samhraidh Cha’n ann air slirdh bho’n reothadh liath ’Nan dealtadh fion na ròsan Ach anns a chom ’s an inntinn teann Tha bàrr us bun ar sòlais, Tha iomadh gruagach òg fo ghruain Mu’n cuairt so ’s Baile-Thearlaich, A’ caoidh do chruth ’s nach cluinn iad guth Ma’n t-seòd air ’n robh iad eòlach. B’e sin an ceòl le “Deigh a Bhal” A bheireadh càil gu dannsa, Do fhear us te le ceumaibh reidh A falbh le cheil’ mar b’ annsa. Ma thig ’nan cuimhne ’m “Bowery” sheinn No “Auld Lang Syne” mar b’àbhaist, Air ionndrain uile thig gu h-ullamh, ’S ni iad fuireach sàmhach. O chuidhle ’n fhortain le deagh chosnadh Thoir e Bhoston direach, Bho àrd Cheap Breatunn bheanntail, easail, Dhubh-ghorm, liosail ghàireach. A dhi do theachd air “Bromley Park,” Tha “Mac” bho thaic an annraidh. ’S air iomadh sràid tha te nach fheaird Ged dheanadh bàrd dhi mànran. Na cuir ruinn cùl, na searg ar dùil, Mar fhuaran ùr a mhillt oirnn; Mar shamhradh tlachdmhor, iochdmhor, neartmhro, Thig chur feart us failt oirnn. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. SANAS. Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air prisis eil, rach a choimhead air D. J. DOMHNULLACH. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram,tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co Mai 4. ’95; CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. [TD 49] [Vol. 5. No. 8. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 22, 1896. No. 8. BAS AN NEO-CHIONTAICH. Is dèisinneach ri leughadh na cunntais a gheobh sinn gu tric, ri linn laghannan na rioghachd a bhi moran na ’s cruaidh e na tha iad a nis, air muinntir a bhi ’g an diteadh gu peanas, agus iomadh uair gu bàs, air son amhrus cionta nach gabhadh dearbhadh na ’n aghaidh. Mar eisimpleir air an ni so gabh an sgeul cràiteach a leanas. Bha ann an Sasunn o chionn greis mhath de dh’ ùine òsdàir a b’ àbhaist a bhi ri spuinneadaireachd air luchd-turuis. Chaidh e a mach oidhche agus comhdach air ’aodann, los nach aithnichteadh e, agus thachair fear air a gabhail an rathaid; leum e air, agus chreach e d’ a sporan e, anns an robh fichead bonn òir. Ghreas e dhachaidh, agus tacan as a dheigh, co thàinig gu trom, airsnealach ach an duine bho ’n do bhuin e ’n t-òr. Dh’ innis e mar a dh’ éirich dha, aig a’ cheart àm ag ainmeachadh gu ’n colm[?]hara aige air gach bonn d’an ór, agus, uime sin gu ’n robh e ’n dòchas gu ’n rachadh greim a dheanamh air an fhear a rinn an reubainn air. Cha robh an t-òsdair fein a làthair an uair a bha an duine a’ cur an ceill na nithe so, agus an uair a chaidh innseadh dha le cuid de ’n luchd-taighe, chuimhnich e gu ’n d’ fheuch e ri aon de na buinn a mhùthadh, agus bhuail iomaguin chruaidh e cia mar a gheobhadh e as an rib anns an robh a choltas air gu ’n do thuit e. Bha eagal air gu ’n rachadh am bonn oir a lorgachadh g’a ionnsaidh, leis gu ’n robh comhara air. Cha ’n fhac’ e dòigh a bu choltaiche na feuchainn ris a’ chionta a chur air aon d’a ghillean. A chum ruigheachd air a so, fhuair e ’n dram a chur air an t-seirbheiseach, a charadh a laidhe tràthail, agus, an deigh dha tuiteam na ’chadal, chuir e `n còrr de na buinn òir agus an sporan ’na phòca. Chaidh e an sin a dh’ ionnsaidh an fhir a chaidh a robadh, a’ feòraich dheth am b’ fhior mar chual’ e—gu ’n deachaidh a robadh air an rathad gu thighe-san, agus fichead bonn oir a thoirt uaith. Thuirt am fear eile gu ’m b’ fhior. Fhreagair an t-òsdair gu ’n robh gille na ’sheirbheis-san a bha tric am mach ’s an oidhche, agus nach b’urrainn cunntas ceart a thoirt iomadh uair c’ àit am biodh e—gu ’n robh e mach toiseach na h-oidhche sin fein—gu’n robh gu bitheanta tuilleadh airgid aige ’sa mheasadh iad a b’ urrainn a bhi aige gu h-onarach—uime sin gu ’n robh e a’ cur roimhe dealachadh ris. “A bharr air sin,” ars’ esan, “chuir mi a mach an nochd e le bonn oir air tòir mùthaidh, agus thill e ag innseadh nach d’ fhuair e e; ach an àite a’ bhuinn a thug mi dha a thoirt air ais, thug e dhomh am fear so air am bheil mi a’ faicinn comharra. Cha b’ urrainn domh mar dhuine onarach gun so inseadh dhuit—faic an e so fear de na buinn a chaill thusa.” Dh’ aithnich an coigreach a bhonn oir fein, agus ghrad-iarr e an gille a rannsachadh—rud a chaidh a dheanamh gun dail agus fhuair iad an sporan agus na naoi buinn deug òir am pòca an t-seirbheisich. A reir gach coltais bha a’ chuis a nis dearbhte na aghaidh, a dh’ aindeoin gach àicheidh a rinn e air lamh ’s a bith a bhi aige anns a’ ghnothach. Chaidh a thoirt gu cùirt, agus leis gu ’n robh a chionta air a meas cho soilleir, rinn am britheamh a dhiteadh; agus air bheag an dàlach an deigh sin chaidh an gille neo-chiontach, bochd, a chur ga bàs air a’ chroich. Bho ’n fhuair an t-òsdar as a’ gheambairne so cho soirbh cha do sguir e d’a dhrochbheart. Lean e air an spùinneadh gus an deachaidh a ghlacadh mu dheireadh, gun doigh aige air dol as, ann an gniomh eile d’ an t-seorsa cheudna. Chaidh binn bàis a thoirt a mach air fhein; agus cha b’ ann gus a sin a dh’ aidich e an lamh chiontach a bha aige ann am bàs a’ ghille bhochd eile. An uair a chaidh a’ bhinn a chur an gniomh air an òsdair bha gach duine a’ meas gu ’m bu dioghaltas e a bu gheal a thoill e diteadh bho nach dual do ’n mhortair dol as. J. W. ’sa Ghaidheal. IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN. (Air a leantuinn.) Tha mi faicinn gu bheil Seumas Ailean Mac Illemhaoil am Muileach gasda, agus “Bodachan a Ghàraidh” a fàs gu math mòr aig a chèile. Tha mise creidsinn na’m biodh an tuille eòlais ac’ air a chéile nach b’ ann bu lugha an càirdeas. Na’n robh “Bodachan a Ghàraidh” cuide riumsa an latha chunnaic mi Seumas is e marsadh le a phiob na achlais ’s a bhonaid ghorm Ghàidhealach air leth-taobh a chinn, agus e ’leantuinn Dhonnachaidh Mhunn a’ Colonsaidh, mo dheagh charaid, a bha air muin steud-each glas, theireadh e gu’m b’ fhior Ghàidheal Seumas. Gu ma fada beò le chéile Seumas agus “Bodachan a Ghàraidh” gu bhi sgriobhadh ugainn ’sa MHAC-TALLA. Dh’ fhàg mi Baddeck air Di-luain an darra latha fichead de’n Og-mhios agus agus ghabh mi’n rathad-iaruinn gu Sidni, Ceanna-bhaile Cheap Breatuinn. Tha e so na bhaile bòidheach, le mu’n cuairt air 3500 sluaigh ann. Tha Gàidheil pailt anns a’ bhaile so, agus mar dhearbhadh dhuibh air gu bheil cuid aca co-dhiu ’nan Gàidheil dhuin eil tha MAC-TALLA air a chlo-bhualadh gach seachdainn na theis-meadhoin. Bidh cuid a feorach am faca mi Mac-Fhionghainn, an Gaidheal òg a tha air ceann a ghnothaich. Chunnaic ma tha. Chaidh mi dh’ aon sgriob g’a fhaicinn, agus a chur beagan ùine seachad maille ris. Tha e gach seachdainn cho trang ri neach ’san tir, a cur air aghaidh cùisean a MHAC-TALLA. Tha càirdean math aige ’ga chuideachadh bho àm gu àm, ’s tha feum aige air sin. Ged nach eil MAC-TALLA na phaipear mor tha e ’tighinn a mach tric agus cha ’n ’eil a chuid mhor de dhaoine a meas an obair agus a chosgais a tha ’na chumail air aghart. Biodh gach neach a’ cuideachadh mar a dh’ fhaodas e le a pheann agus le a sporan. A chuid is urrainn deanadh iad comhnadh air an dà dhòigh, agus a chuid nach urrainn dad a dheanamh le peann deanadh iad gu math le ’n cuid dhollar a chur air aghaidh gun dàil. Tha mise mi-fhéin air dheireadh am bliadhna. Cha d’ fhuair mi gu so mo dhollair a chur air falbh air son na bliadhna so a thòisich air a mhios a chaidh seachad. Tha mi air mo nàrachadh! Ach tha mi ’cur dollair eile null bho ghabhaltach ùr a fhuair mi ’n la’ roimhe air a shon. ’S docha gu’n gabh sin mo leisgeul air son mo dhearmaid. Tha e duilich leam cho tearc ’s a tha iadsan a phàigh air a mhios so. Dùisgeadh na h-uile Gàidheal suas gu bhi deanamh a dhleasanas fhéin agus an sin ma thoisicheas MAC-TALLA ri trod cuiridh sinn na chuimhne an ni gheall, e “nach cluinnear guth mor na droch fhacal uaithe.” C. C. Tha eagal air “C. C.” gu bheil e deanamh ’iomradh mu ’thurus do Cheap Breatunn tuilleadh us fada; ’sin a tha e ’g radh ruinn ann an litir bhig a fhuair sinn uaithe air an t-seachdain s’a chaidh. Cha ’n eil eagal sam bith oirnne dh’ a thaobh sin, agus ’se ar barail gur h-ann mar a’s fhaide ni e ’n t-iomradh a’s fhearr a chordas e ris a chuid mhòr de leughadairean MHIC-TALLA. Far am bi an toil, bidh an gniomh. [TD 50] [Vol. 5. No. 8. p. 2] ISEABAIL ODHAR AGUS MONAGAN. MAR a thuirt mi roimhe bha Iseabail gun leannan aig aois a cuig bliadhna deug thar fhichead! Co chuala riamh a leithid! Ach, mo thruaighe, thàinig gnothuichean mu ’n cuairt a thug air falbh gach dòchas a bh’ aice. Cha ’n eil fhios agam, ged a thuirt mi sid nach ’eil mi fada cearr, oir chuala mi gu robh cailleach Eachainn mhòir ag ràdh nach tugadh na mnathan duil thairis de phòsadh fhad ’s a bheireadh an clobha-teine fuil as an luirgnean! A dh’ aon chuid chaill Iseabail a cùl-taic, agus so mar a bha. Thachair gu ’n do bhàsaich am fear-ionaid a bh’ ann an Ard-chomhairle na Rioghachd airson na Siorramachd d’ am buinneadh am fearann a bh’ aig a h-athair. ’S e Mr. Dìleas a b’ ainm dha. Bha e ’na dhuine ro ghlic, tuigseach, agus gheibhte an còmhnuidh e na àite ’s an Ard-chomhairle a’ deanamh gach ni na chomas airson maith na Siorramachd ’s toil an luchd-taghaidh a chur air aghaidh. Nis bha e fad iomadh bliadhna ’s an Ard-chomhairle, agus bha bheachdan fhéin ’s beachdan an luchd-taghaidh gu léir, faodaidh mi ràdh, a’ co-chòrdadh. An déigh a bhàis thàinig dithis air aghaidh g’ an tairgse fhéin do’n luchd-taghaidh. Bha na fir so a dh’ atharrachadh beachd a thaobh ealainn-riaghlaidh. An rud a bha ceart a réir beachd an dar a fir, bha e tur cearr a réir beachd an fhir eile. Na’n canadh an dara fear fitheach dubh, chanadh am fear eile fitheach geal. Ach bha aon ni anns an robh iad ro choltach ri chéile, ’s b’ e mar a ghealladh iad gu ’n deanadh iad rud sam bith a chuireadh an luchd-taghaidh m’ an coinneamh a dheanamh. Cha robh mùthadh sam bith leo co dhiu a ghabhadh a’ chùis deanamh gus nach gabhadh; oir bha fhios gu maith aca na’m faigheadh iad aon uair a steach a dh’ Ard-chomhairle na rìoghachd gu ’m faodadh iad a ni thoilicheadh iad a dheanamh. Air do ’n chùis a bhi mar so, ghealladh na fir ged a dh’ iarrta orra cat air am biodh naoidh earbuill! Rinn fear dhiu òraid ro shnasmhor anns an do leig e fhaicinn gu ’n robh eòlas ro fharsuinn agus ro mhion aige air gach dòigh anns am bu chòir laghannan de gach seorsa bhi air an deanamh. Na’m b’ e ’s gun cuireadh iad a dh’ urram airsan na thaghadh e gu bhi na fhear-ionaid air an son ’s a’ Phàrlamaid, bha rùn air iomadh lagh agus aiaghailt a thoirt fa chomhair na Parlamaid. Agus is e a cheud achd a bha mhiann air a thoirt fa chomhair na h Ard-chomhairle, gu ’m feumadh na h-uile fear a bhiodh a dol a phòsadh a làmh a chur ri paipear am fianuis a’ phears-eaglais agus dithis fhianuisean, gu’n robh cnaimh na chois, ’us clach na shùil, ’us meall eadar a dha chluais nach bu lugha na cheann, agus gu robh e falbh crom crotach fo na neoil! Bha e cumail a mach gu ’n deanadh an t-achd so feum mor do ’n dùthaich gu léir, a thaobh gu ’n cumadh e suas na prìsean, agus mar sin, gu ’m feumadh na Frangaich fuireach aca fhéin olc air mhaith leo. So, mata, na tha air chuimhne de ’n òraid fhileanta ’thug Mr. Goileam seachad; agus, o ’n a b’ e uachdaran an àite, bha e ’n dùil gu’n tugadh gach ìochdaran am focal-taghaidh dha, agus, mar sin, bha na h-uile dòchas aige gu ’m faigheadh e do ’n Phàrlamaid. Ach an rud a bhios ’s an dàn tachraidh e; agns o nach robh e ’s an dàn do Mhr. Goileam a dhol do’n Phàrlamaid cha do thachair e. Thug a chuid mhòr de na tuathanaich air an oighreachd aige am focal-taghaidh do ’n fhear eile; ach ma thug, cha robh sin an nasgaidh dhoibh air a’ cheann mu dheireadh. Bhòidich an t-uachdaran coìr, aon uair ’s gun ruitheadh an aonta a bh’ aca air an cuid fearainn a mach, nach faigheadh iad ploc tuilleadh air an oighreachd; agus mar sin gu’m bu cho maith dhobh a bhi deanamh nan sùgan. Am measg na muinntir a choisinn, mar so, diomb an uachdarain bha athair Iseabail; agus cha robh gun ruith a mach de ’n aonta aige ach da bhliadhna. Bha dòchas aige gu ’n rachadh an aonta ùrachadh dhasan co dhiu, a chionn gun robh e nis iomadh bliadhna ’paigheadh mail gu riaghailteach air an stall air an robh athair agus a sheanair; ach gu h-araidh, o’n bha e air fàs trom agus mall le aois ’us allaban, bha dòchas aige nach cuirte gluasad air fhad ’s bu bheò e. Coma co dhiu, ’nuair a ruith an aonta a mach cha robh aige ach gach ni ’reic, ’s triall do ’n bhaile mhòr; oir cha ’n fhaigheadh e uiread agus làrach tighe, ge bu bheag e, air an oighreachd, ’s cha mho bha chridhe fasgadh na h-oidhche a thoirt da. B’ éiginn triall do ’n bhaile-mhòr; agus gu cinnteach, ceart, b’ olc a chòrdadh dòighean a’ bhaile mhòir ri fear a chleachd a bhi air a thoil fhéin am measg nam beann ’s nan gleann, air a chuartachadh mòr thimchioll le maise agus gloir nàdair. Chaill an duine bochd a chàill, ’s a shunnd, ’s a shlàinte, cearta-cruinne-còmhladh, agus mu ’n d’ thainig ceann na bliadhna bhàsaich e leis a bhriste’-chridhe. Dh’ fhag e sia ceud punnd Sasunnach aig Iaseabail a bharrachd air mòran innsridh. Rud nach b’ ioghnadh bha i ro bhrònach ’s ro thùirseach an deigh a h-athar; ach air a shon sin cha do chaill i a misneach. Shuidhich i dha no tri de na seomraichibh air luchd-fuirich, agus mar so bha i gach bliadhna a’ cosnadh mal an tighe, agus còrr ’s na chumadh i fhéin an ordugh. Bha ’n corr so ’ga chur an dràsta ’s a rithist do ’n Bhanca comhla ris na bh’ ann roimhe, agus o bhliadhna gu bliadhna bha ’n t-suim a’ dol a méud. Air là àraid ’s aon de ’n luchd-fuirich an déigh an tigh aice fhàgail, co thigeadh mu ’n cuairt a dh’ fhaighneachd mu mhàl an t-seomair ach sgaomcire lachdunn, a rugadh ’s a a thogadh am Manainn, d’am b’ ainm Monagan. Chòrd e fhéin agus Iseabail mu mhàl an t-seomair, agus an ceann là no dha thàinig e dh’ fhuireach leatha. Bha bùth beag aig Monagan, agus bha e reiceadh bathar de gach seòrsa, mar a tha spiosraidh, bathar-tioram, obair-iaruinn, agus na h-uiread de threallaich eile ro lionar r’an àireamh. Na h-uile cothrom a gheibheadh e bheireadh e greis air seanachas ri Iseabail. Cha robh so a mi-chordadh rithe idir. Ach bha Monagan coir a’ gabhail misnich agus a’ fas dàna na h-uile latha, gus mu dheireadh, ’n uair a thuig e gu soilleir gum bu ro thoil le Iseabail an dol a mach a bh’ aige, an do thòisich e ri bruidhinn air cho fior comh fhurtail ’s a bha e riamh o’n là ’thàinig e dh’ fhuireach leatha, agus gu’m b’e ceann fortanach fear sam bith a gheibheadh a leithid a dheadh bhean-taighe gu bhi toirt an aire air a ghnothach. Cha dubhairt Iseabail ’s e no cha n-e mu’n chùis, oir chuir cainnt Mhonagain fior ioghnadh oirre. Bha i dol a steach gu maith ’s an dà fhichead bliadhna ’s a dhà, agus cha do labhair duine riamh rithe, bha i ’smuaineachadh, mar a labhair Monagan. Cha b’ urrainn i a bhriathran a leigeil air di-chuimhne. Bhiodh iad a’ seirm na cluasaibh na h-uile taobh a rachadh i. Mhothaich i ni-éiginn na shùilibh nach do mhothaich i ann an sùilibh aon mhic mna air an do phrib i ’roisg riamh. Bha i ’ga faireachadh fhéin mar nach d’ fhairich i i-fhéin riamh roimhe. Bhiodh i ’n dràsda ’s a rithist a dol fo a smaointean feuch an tuigeadh i ciod a bha cur oirre, agus cha b’urrainn i ràdh gu’n robh i tinn, no idir gu’n robh i slàn. Ged a bha i ’ga faireachadh fhéin car neonach ann an iomadh dòigh, bha aon ni mu a timchioll a bha ’cur anabhar ioghnaidh oirre, agus b’ e sin, an toil a bh’ aice a bhi ’ga h-amharc fhéin ’s an sgathan, ’s a bhi ’toirt sgriob de ’n chìr an dràsta ’s a rithist, air a logaidh. Cha ruigear a leas a bhi ’toirt soilleireachaidh sam bith mu ghalar Iseabail do fhreasgaich ’s do mhaighdeannan an là’n-diugh. Tuigidh iad gu maith nach robh a dh’ euslain an t-saoghail air Iseabail ach mar a thuit i ann an trom ghaol air Monagan, agus o nach robh i na leithid a shuidheachadh riamh roimhe cha robh i ’tuigsinn ciod a bha ’cur oirre. Coma co dhiu, an t-ath shealladh a chunnaic Monagan a dh’ Iseabail thuig e gu’n d’ rinn na briathran a labhair e rithe feum. Ma chuir ise umhail air a shùilibh-san chuir esan a cheart cho maith ùmhail air a sùilibhse. Dh’ amhairc iad air a chéile mar nach d’ amhairc iad riamh roimhe. An uine ’s e thainig as a chùis gu’n do phòs iad. Aig a cheann aimsreach a b’ fhaisge dhoibh dh’ fhàg iad an tigh ’s chaidh iad a dh’ fhuireach do thigh bu lugha, faisg air a bhùth. Bha cùisean a dol air aghaidh mar nach b’ olc. Bha esan—ged nach robh dad a spéis a b’ fhiach aige dhise, do bhrìgh gur ann airson a bheagain bhearteis a bh’ aice ’phòs e i—a’ leigeil air gu’n robh e ro mhiaghail uimpe, agus bha ise cho lugha gò ’s nach do thuig i mar bha chùis. Be bheachd-san gu’m bu chòir dhoibh bùth [TD 51] [Vol. 5. No. 8. p. 3] mhòr a chur suas, agus bha e’g a deanamhsa a cinnteach nach biodh iad ùine sam bith a’ deanamh am fortain. Chaith e mar so oirre de bheul ’s de lìgiche na thug oirre aoutachadh leis gus ma dheireadh thall, an do liubhair i dha na h-uile peighinn a bha a dh’ airgiod ma seach aice. Bha na bheachd-san fad na h-ùine a chasan a thoirt as an uair a gheibheadh e greim air beann mhaith de’n airgiod, ach bha e ’feitheamh gus am faigheadh e ise as a faireachadh a chum ’s gum biodh an cothrom na b’ fhearr aige air lom-sgrìob a thoirt oirre. ’S iad na smaointean a thàinig ’na cheann gu n cuireadh e’n ìre dhise gu’m faigheadh iad gach bathar a bha dhìth orra moran n’a bu shaoire le stoc maith, mòr a cheannach dheth gach seorsa o’n fhear oibreachaidh, agus o’n bha suim mhaith airgid aca ma seach, gu’m bu chòir a bhùth ùr a lionadh gu maith ’s gu ro mhaith leis gach seorsa bathair a’ b fhearr na chéile, agus mar so gu’m briseadh iad an t-aran am beul gach ceannaiche eile a bha ’s a’ bhaile. Nuair a thug e so fa comhair-se ghrad dh’ aontaich i leis, oir bha tomhas maith de chumadh na firinn air a’ bheachd so o thùs gu déis. Shuidhich iad eatorra gu’m falbhadh e’ cheannach a bhathair an ceann mios, agus thuige sin gu’m biodh iad a’ tional na b’ urrainn dhaibh a dh’ airgiod. ’De th’ agam air ach gu’n robh Monagan beannaichte cho làn de’n cheilg ’s a tha’n t-ubh de’n bhiadh. Mar a bha’n t-am a bha e gu falbh a’ dlùthachadh thòisich e ri leigeil air gu’n robh leithid a ghaol aige air a mhnaoi ’s nach b’ urrainn e’g a fàgail. Ma dheireadh thàinig an latha bh’aige ri falbh. “Feumaidh mi,” ars’ esan ’s e bruidhinn ris fhéin, “greis a thoirt air caoineadh am fianuis na béiste gràinnde ud a tha mi nis a fàgail gun sgilinn de’n t-saoghal, ach a cheart cho lom ris a chirc o’n chòcaire. Ach ciamar a shileas mi deoir ’s nach robh mi latha riamh cho subhach ’s cho sòlasach ’s a tha mi ’n diugh. Fhalbh! tha fhios agam a nis ciod e ni mi, cuiridh mi pìos uinnein ’n am neapaiginn agus bheir sin air mo shuilean, ’nuair a chuireas mi riutha e, sileadh cho frasach ’s ged a bhithinn a cheart da rìreadh. An àm dealachaidh thàinig meall rac, ma b’fhior, an amhaich mhosaich Mhonagain bheannuichte, agus cha b’ urrainn da smid a ràdh. Chuir e an neapaiginn pòcaid tiotadh ri shùilibh, agus sin far an robh sileadh dheur! Cha robh boinne ’thuiteadh nach tugadh cnag rir an làr. Dh’ fhag e slàn aice ’s dh’fhalbh e. Braidean dubh! ’S an àm cha robh an rathad-iaruinn agus na goireasan a tha ’na fhochair air fios. Dh’fheumadh am fear-falbhain aon chuid a chas a ghabhail, air neo pàigheadh glé dhaor na’m b’e gus gu’n gabhadh e carabad. Ged a bha ’n truaighe agus an dunaigh air Monagan bu mhaith leis an aire a thoirt do’n airgiod, agus b’fhearr leis a chas a ghabhail na’n carabad a phàigheadh. A bharrachd air sin cha robh dùil sam bith aige ’dhol fada air aghaidh a thaobh nach robh dhìth air ach car-ma-chnoc a dheanamh air Iseabal. ’Nuair a bha e beagan mhiltean astair air falbh o’n bhaile agus a shaoil leis nach faiceadh neach sam bith co’n rathad a ghabhadh e, cuirear mo laochan mu’n cuairt i ’s gearrar tarsuinn a’ mhonaidh gu dhol a Ghlaschu. Thug e ri bruthaich i. Cha chuireadh gàradh no dìg dad a mhoille air; agus mar so cha robh e fada ’cur pios maith astair as a dhéigh. (Ri leantuinn.) Mar a Sguir an Duin’ eile dhe’n Ol. O chionn beagan bhliadhnaichean, bha duin’ àraid ann am baile-mòr nach ainmich mi, a dh’ fhàs gu mi-fortanach dha fhéin, fuathasach trom air an òl. Uair no dha ghabh e ’n smùid cho dona ’s nach mor nach deach e as a rian gu buileach. Bha e ’n a dhuine còir, gasda, aig an robh ceann is comhairle is ionnsachadh. Uime sin, mur a ’bi an deoch, cha ’n ’eil teagamh nach biodh e ann am post ard air choir-eigin. Bha ’chairdean duilich air a shon agus a’g iarraidh air sgur de ’n òl, ach esan cha deanadh sin. Fo dheireadh, smaoinich cuid dhiubh gu ’n gabhadh iad dòigh eile dha. Thug iad a stigh do sheòmar e far an do chuir iad isean coilich air bòrd. Air daibh a bhi beagan ùine ann an sin, mhothaich esan do ’n isean, agus le clisgeadh dh’fhaighnich e, “Co as a thainig an t-isean?” “Dé ’n t-isean?” thuirt fear de chàch.” “Nach ’eil an t-isean ud air a bhòrd,” ars’ esan. “Cha ’n fhaic mis’ isean,” thuirt fear eile. “Cha mhò chi mise,” thuirt gach aon de chàch. “Nach seall sibh air a bhord,” ars’ esan. Sheall iad uile ach Ma ’b fhior, cha’n fhac iad sion. “Am bheil sibh uile dall?” ars’ esan. Thòisich càch air sealltainn air a chéile. “Tha eagal orm gur h-ann tha ’n duine bochd air fas gòrach,” arsa fear dhiubh, “’S fhada bho ’n bha cùram orm gu ’m b’ ann uige so a thigeadh a chùis,” arsa fear eile. “Ciod a tha sibh uile a’ ciallachadh?” thuirt esan agus falas fuar a tighinn roimhe. “An duine truagh!” thuirt iadsan a bial a cheile. “An cuir sinn flos air an dotair? thuirt fear. Cha b’ urrainn esan cur suas leis a’ so. Smaoinich e nach deanadh e idir an gnothuch iad a bhi ’m barail gu ’n robh e air fas gòrach bho ’n òl. Ghabh e misneach, rinn e glag mor gàire, agus thuirt e, “An robh sibh an dùil gur h-ann da-rireadh a bha mi? Cha robh mi ach ri fala-dhà. Cha ’n fhaic mis’ isean na ’s mò ga chi sibh féin.” Cha d’ ol e diar tuilleadh. IAIN MAC SHEUMAIS BHAIN. An rud nach buin duit, na buin da An rud a théid fada o’n t-sùil, théid fada o’n chridhe. GAIDHEIL HAMILTON. Air an treas latha dhe ’n mhios so, thug Gaidheil Hamilton, Ontario, mar is àbhaist dhaibh o chionn iomadh bliadhna, sgriob a mach air an duthaich a chur seachad latha cridheil, sùnndach an co-chomunn a chéile. Air an turus so chaidh iad gu Eas Niagara, ’s am piobaire, Donnacha Caimbeal, air an ceann. ’N uair a ràinig iad a phàirce anns an robh iad gus an latha a chur seachad, chuir fear-gleidhidh na pàirce, Ruairidh Camron, fàilte chridheal orra anns a’ Ghàilig, a chainnt bu docha leotha a chluinntinn. An deigh mheadhon-latha, chaidh àireamh dhiubh, le ’m piobaire, thar na criche, do ’n phairc a tha air taobh nan Stàitean, agus ciod a b’iongantaiche leòtha na bhi an sin air am fàilteachadh an sin ann an cainnt aosda nam beann le Alasdair Mac Fhionghain, a tha gleidheadh na pàirce o chionn cheithir bliadhna deug air fhichead. Thug e ’n deigh sin iad a dh’ amharc air gach n a bha ri fhaicinn. Thug e gu mullach an tùir iad, agus chuir am piobaire port no dha air a phiob. Chuireadh an latha seachad gu “cridheil, sùnndach gu ’n bhi trom,” agus thill iad dhachaidh feasgar cho toilichte ’s cho aighearach ’sa bha iad riamh. SGUIR E DHE ’N PHIOB.—Bha duine còir ann an cearn àraid de dh’ America a sguir de ’n phiob fuathasach ealamh agus gu brach, ged a bha e rithe mu dheich bliadhna fichead. Tha iad ag radh nach robh fradharc math idir aige agus gun do chrath e luath na pioba,—gun fhios da, ’s mi tha cinnteach,—ann am buideal fùdair. DONNACHADH AILEIN. Tha seòrsa de chaoraich ann an dùthchannan na h-àirde ’n Ear, air am bheil earbaill cho mor ’s gu ’m bi na buachailean a cur piosan bhòrd fo ’m bàrr gus an cumail o bhi air an reubadh le bhi slìobadh air an làr. Tha cuid dhiubh a cur chuibhlichean fopa, air chor ’s gu ’m bi na ’s fhusa do na caoraich an slaodadh leotha. Tomhaisidh earbail caora chumanta so thairis air coig puinnd deug, agus ma bhios a chaora mor agus air a’ deagh reamhrachadh, tomhaisidh a h-earball uaìrean suas ri leth-cheud punnd. ’S gann a chreideas cuid so, ach cha ’n eil ann ach an tuil-fhirinn. Thuirt Eirionnach uair ’s e bruidhinn air neo-chinnteachd beatha ’n duine:— “Nuair a smaoinicheas neach air an liuthad sgiorradh, cunnart agus euslaint a thig ’n an rathad ar beatha, ’s ann a chuireas e iongantas air gu ’m biodh duine beò gus am faigh e bàs.” Thuirt fear eile ’s cuid-eigin a tilgeadh air gu ’m bu ghealtair e, a chionn gu ’n do chrom e cheann ’nuair a loisg an nàmhaid aìr;—“’S fhearr do dhuine gu mor a bhi ’na ghealtaire fad mionaid na bhi marbh a chuid eile dhe ’bheatha.” [TD 52] [Vol. 5. No. 8. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, OGUST 22, 1896. A PHARLAMAID. Chruinnich a’ phàrlamaid air Di-ciaduin. Mu thri uairean, bha tigh nan cumantach cruinn, agus bha iad air ball air an gairm leis a “Bhata Dhubh,” aig an robh fios o fhear-ionaid an Ard-Riaghladair, ag iarraidh orra tigh’n ’na làthair ann an seòmar an t-Seanaidh. Dh’ èirich an sin Dr. Bourinot clèireach an taighe, air a chompanachadh le àireamh de dh’ oifigeach a chrùin, ’s air a leantuinn le buill an taighe, agus chaidh iad mar a dh’ aithneadh dhoibh do sheomar an t-Seanaidh, far an d’ fhuair iad Sir Henry Strong, àrd-bhritheamh Chanada, an àite ’n Ard-Riaghladair air a chathair, ’s e air a chòmhdach ann an culaidh riomhach sgarlaid. Bha Mr. Pelliter, fear-labhairt (ceann-suidhe) ùr an t-Seanaidh ’na shuidhe air a laimh dheis, agus am Priomhair agus Rùnair na Stàite air an laimh chli. An sin labhair Mr Pelliter:—“Cha’n eil ’Oirdheirceas, an t-Ard-Riaghladair, a faicinn iomchuidh na h-aobhair air son ’n do ghairm e a Phàrlamaid gu bhi cruinn aig an àm so a chur an céill, gus an dean tigh nan cumantach fear-labhairt a thaghadh a réir an lagha, ach am màireach ni e na h-aobhair air son an do ghairm e a pharlamaid a chur an ceill.” An deigh sin thill na cumantaich dh’ an seòmar féin agus ghabh an cléireach a’ chathair. Shuidh Mr. Laurier anns a chathair ’s am b’ abhuist do Shir Iain Domhnullach ’s do na Priomhairean eile bhi suidhe, agus shuidh Sir Tearlach Tupper ’san àite ’s am b’ abhaist do Mhr. Laurier a bhi suidhe. Bha e car annasach a bhi faicinn nan Liberals air taobh deas na cathrach, agus na Conservatives air an taobh chli, suidheachadh anns nach fhacas an da phàirtidh roimhe o chionn ochd bliadhn’ deug. Bha Mr. Edgar, fear-parlamaid siorrachd Ontario ’n Iar air a thaghadh mar fhear-labhairt do’n tigh, agus chaidh e dh’ an chathair. Cha d’ rinneadh de bhruidhinn ach oraid ghoirid a rinn Mr. Laurier, agus Sir Tearlach Tupper mu thaghadh an fhir-labhairt, agus beagan fhaclan a thuirt Mr. Edgar a toirt taing do ’n tigh air son an urraim a chuir iad air. An sin sgaoil an tigh. Bha an oraid o’n chathair air a liubhairt Dior-daoin. Tha litrichean a’ dol air ais ’s air adhart eadar Riaghladh Bhreatuinn us Riaghladh nan Stàitean, a feuchainn ri tigh’n gu córdabh sìtheil a thaobh gnothuichean Venezuela, agus mar an ceudna cuisean a chur air dhòigh ’s gu ’n teid aca air gach aimhreit a dh’ fhaodas eiridh eadar an da dhùthaich an deigh so a réiteach ann an sìth. Tha na fiosan mu dheireadh a fhuair sinn ag innse gu bheil iad ag aontachadh gu math, agus gu bheil e ro choltach gu ’n teid aca air an deagh rùintean a thoirt gu crich. Ma theid aca air sin a dheanamh, bidh e ’na ni math taobh air thaobh. Cha bu chòir gu ’m biodh aobhar air cogadh a bhi ’m feasda tuilleadh eadar Breatuinn ’s na Stàitean, oir is aon sluagh iad, a labhairt na h-aon chànain, agus bu choltach dhaibh a bhi mar aon a cur air adhart gach ni a bhiodh a chum am math fein agus math an t-saoghail gu léir. Cha ’n urrainn daibh a bhi mar sin ma bhios còmhstridhean no cogaidhean eatorra, agus uime sin bidh a chuid a’s fhearr dhe ’n t-sluagh air gach taobh an dòchas gu ’m bi soirbheachadh leotha anns an oidhirp chliùitich a tha iad a toirt air an cùisean a tha ’m feum réiteachaidh, a réiteach ann an sìth. Bu mhath leinn cluinntinn na bu trice bho Dhonnachadh Ailein is bho Iain Bàn. Cha ’n eil teagamh nach eil ioma naigheachd ghasd aig an t-seann bhòchdan a th’ aig drochaid an uillt, na ’n rachadh e fo sheanchas idir. Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan, Curraichdean, Leintean agus Brogan, aig D. J. Domhnullach. Tha a phris iosal, ’s tha gach ni a gheobh thu aige math. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. OGUST, 1896. 1 Di-sathairne An Liunasdal. 2 DI-DONAICH 9mh Donach nn Trianaid. 3 Di-luain (2)An Cr. mu dheir. de ’n t-Sol. 2. 20 F, 4 Di-màirt (2)Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52 5 Di-ciaduin Bas Rob Dhuinn, 1778. 6 Dior-daoin (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598. 7 Di-haoine A Ghrian ag eiridh, 4,58, 8 Di-sathairne Duibhre air a Ghréin. 9 DI-DONAICH 10mh Donach na Trianaid. 10 Di-luain, (9) An Solus Ur, 0.48. M. 11 Di-màirt Blar Dhailrigh, 1306. 12 Di-ciaduin A Ghrian a’ laidhe, 7.6, 13 Dior-daoin Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746 14 Di-haoine Bas Mhorair Chluaidh, 1863. 15 Di-sathairne A cheud Chr’tl. dhe’n t-Solus, 4.49, F 16 DI-DONAICH 11mh Donach na Trianaid. 17 Di-luain Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786 18 Di-màirt Blar Preston, 1649. 19 Di-ciaduin Bliadhna Thearlaich, 1746. 20 Dior-daoin Bas ’Ic Coinnich (Sar Obair.), 1849. 21 Di-haoine Blar Dhunchaillinn, 1689. 22 Di-sathairne (23) Bas Uilleim Uallais, 1305. 23 DI-DONAICH 12mh Donach na Trianaid 24 Di-luain (23) An Solus Lan, 2.50, M. 25 Di-mairt Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-ciaduin A Ghrian ag eiridh, 5.20. 27 Dior-daoin Sealg Bhraight Mhair, 1714. 28 Di-haoine A Ghrian a laidhe, 6.39. 29 Di-sathairne Blar Loch-Aillse, 1722. 30 DI-DONAICH 13mh Donach na Trionaid. 31 Di-luain An Car’tl mu dheir. de’n t-Sol.6 41M D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. Am bheil thu gabhail Mhic-Talla? MUR EIL Cuir ’ga iarraidh $1.00 sa bhliadhna. [TD 53] [Vol. 5. No. 8. p. 5] NAIDHEACHDAN. Air an t-seachdain s’a chaidh bhàsaich dlùth air aona ceud deug leis a cholera anns an Eipheit. Bho’n thòisich i tha dlùth air coig mìle deug air bàsachadh leatha- Fhuair boirionnach ann an cearna de New Brunswick, Mrs. Hanson, litir á Washington an la roimhe ag innse gu’n d’ fhàg a bràthair, Iain Mac Gilleain, a chaochail anns a bhaile sin o chionn beagan mhiosan, aice mar dhileab a chuid an t-saoghal, mu fhiach choig mile fichead dolair. Tha duine sgriobhadh á Bangor, Maine, gu Casket Antigonish, ag innse mu euchd a chunnaic e ’ga dheanamh anns a choille an sin le fear Donnacha Domhnullach á Dun-mor an siorramachd Antigonish. Thog e maide a thomhais, an deigh a thoirt a stigh do’n bhaile, ochd ceud punnd. Cha’n eil an t-airgiod Geancach an dràsda ’seasamh uiread ’sa b’ àbhaist da anns an dùthaich so. Tha na bancaichean a toirt coig sentichean bhar an dolair. Tha so air sàileabh na trioblaid a th’ aca thaobh an airgeid anns na Stàitean, ach cha ’n eil teagamh nach bi e cho math ’sa bha e riamh roimh dheireadh na bliadhna. Bhuail da shoitheach-smuide na chéile air amhuinn St. Lawrence o chionn ghoirid, agus gabhaidh e ceud mile dolair gus an call a rinneadh orra leasachadh. Bheir e mu dha mhios do na saoir tè dhiubh a chàradh, agus feumaidh iad a bhi ’g obair air an té eile a chuid mhor dhe ’n gheamhradh. B’e ’n gliocas do na soithichean gun a bhi bualadh ’na chéil idir. Fhuair Mrs. Silas Hurton, bean ann an Hamilton, Ontario, fios o chionn ghoirid gu robh i-fhéin ’us àireamh do dh’ fheadhain eile tha fuireach ann an Canada a nise ’nan dileabaich air oighreachd mhor ann an Eirinn. Tha iad ag radh gur fhiach an oighreachd mu mhuillein dolair; bha i anns an lagh o chionn còrr us leth-cheud bliadhna. Cha’n eil ann am Mrs. Hurton ach bean bhochd, posda aig duine tha ris an obair latha. Thainig an t-Urr. Iain Ròs gu Malagawatch air an t-seachdain sa chaidh, far am bheil e ri bhi air a phòsadh ris an eaglais an ùine gun bhi fada. Thug e sgriob dh’ an bhaile so air an t-seachdain so. Mu’n d’ fhag e ’n coithional a bh’ aige ’n Ontairo thug comunn na h-òigridh dha coig dolair fhichead de dh’ airgead maile ri òraid ghasda anns an robh iad a’ nochdadh an spéis dha agus an duilicheann air son e bhi ’g am fàgail. Bha stoirm mhor thàirnneanach ann an Eilean a Phrionnsa a sheachdain gus an Dior-daoin s’a chaidh. Chaidh eaglais aig Kensington a bhualadh leis an dealanach ’s a losgadh. Bha àireamh de shaibhlean air an losgadh cuideachd, agus eich air am marbhadh. Bha stoirmeannan troma ann an ceann an iar Ontario mar an ceudna. Bha taighean, saibhlean, agus bùithean air an losgadh, agus crodh, eich ’us caoraich, agus eadhon daoine air am marbhadh. Dh’ fhalbh da shoitheach-iasgaich à Gloucester ann an Nobhember s’a chaidh, air son a dhol dh’ ionnsuidh nam bancaichean, am “Falcon,” agus an “John W. Bray,” agus cha d’ fhuaireadh an corr sgial orra gus o chionn beagan us da mhios. Air an 10mh. latha de Iulaidh, fhuair sgiobair soithich eile botull anns a chuan anns an robh litir bheag o thé dhe na soithichean, ag innse gu robh an stiùir ’s an càpull air an toirt air falbh, dithis de’n sgioba air am bàthadh, agus an soitheach a’ dol fodha. Cha ’n eil teagamh nach ann mar sin a dh’ eirich dh’ an da shoitheach. Bha àireamh a mhuinntir an eilean so air sgioba té dhiubh. Rinneadh iomadh bàthadh ann an Cuibec ’s an Ontario o chionn ghoirid. Tha ’n teas a toirt air moran aig nach eil eòlas sam bith air snàmh, a bhi dol dh’ an uisge, agus tha sin ag aobharachadh iomadh bàs. Chaidh da fhichead us tri barailte de stuth laidir a bh’ air a smugaladh à St. Pierre a ghlacadh ann am Port Morien air an t-seachdain s’ chaidh, mu fhiach tri mile dolair. Bha e air fhalach anns a choille air taobh deas a bhéighe, agus chaidh a ghlacadh air a mharbh mheadhon-oidhche, ach fhuair na smugalairean fhéin teicheadh. Uaithe sin chunnacas soitheach eile a tigh’n do’n bhéighe gu falachaidh, agus chaidh Mr. Bown, fear an tigh-chusbuinn air a tòir, ach fhuair i rabhadh o chuideigin air tir agus thug i ’n cuan oirre. Bha seann tuathanach do ’m b’ aimn Martin O’ Hara ann a’ Fitzroy, an Cuibec, agus bha e fhein ’s mac dha mach air a chéile. Bhac esan d’a mhac pios feòir a bh’ aige spealadh, ach cha d’ thug am mac feairt air. Chaidh esan an sin a mach as a dhéigh ’s loisg e air; cha do dh’ amais an urchair air, ach thug e buille dha ’athair a leag e agus a leòn e e cho dona ’s gun do chaocail e an ceann beagan us seachdain, Tha sinn a leughadh nach eileas a dol a chur dragh sam bith air a’ ghille, oir ’s ann ’ga dhion fhèin a bha e ’nuair a thug e bhuile-bhàis dha ’n seann duine. Chaidh duin’ òg do’m b’ainm Iain R. Domhnullach, no “Iain Ruadh” a bhàthadh ann an Glace Bay Di-donaich s’a chaidh. Dh’ fheuch e ri snàmh thairis air an acarsaid, ach ’nuair a bha e faisg air tir chaidh e fodha air ball, gun uiread us éigh a leigeil as. Cha d’ thainig e air uachdar tuilleadh, agus fhuaireadh a chorp air a ghrunnd mu uair an deigh dha dhol fodha. Bha fear eile, Domhnull Welton, a snamh còmhla ris; bhuail greim esan cuideachd, ach bha e na b’ fhaisge air tir agus chaidh a shàbhaladh. Bhuinneadh am fear a chaidh a bhàthadh do Mhéinn Chaledonia; cha robh e pòsda idir. Fhuaireadh corp boirionnaich do’ m b’ ainm Caitriona Whalen anns an uisge aig te de na laimhrigean ann an Sidni Tuath feasgar Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bha i fuireach an tigh a mic, Padruig Whalen, gle fhaisg air an laimhrig, agus thatar a’ deanamh a mach gur h-e coiseachd a mach thar bile na laimhrig a rinn i gun fhios aice de bha i deanamh. Tha e coltach gun do thachair so mu thri uairean ’sa mhaduinn, ’nuair a bha cach uile ’nan cadal. Bha piuthar dhi air a cur dh’an tigh-chaothaich o chionn ghoirid, agus tha iad ag radh gu robh ise beagan as a rian cuideachd. Sgaoil Pàrlamaid Bhreatuinn oidhche Dihaoine, a sheachdain gus an raoir. Tha i ri bhi air a fosgladh a rithist air an la mu dheireadh de dh’October. Bha iomadh facal searbh air fhàgail eatora fhad ’sa bha iad cruinn, ach tha iadsan aig an robh sealladh an sùl orra an oidhche mu dheireadh ag radh gu ’n do dhealaich iad mar chàirdean. Tha baile-mor Lunnainn a nise mar a their iad air fhàsachadh, ’se sin, tha chuid a’s mo de na h-uaislean, iadsan a bha fad an earraich ’s an t-samhraidh a frithealadh na pàrlamaid, air fhàgail agus air a dhol am mach do ’n dùthaich a shealgaireachd no ’dheanamh rud-eigin mar sin air son uallach na h-obrach agus cuingealachd a bhaile-mhoir a chur dhiubh. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 54] [Vol. 5. No. 8. p. 6] TUS AGUS NADUR DIBHE LAIDIR. Tha anns an t-saoghal còrr a’s leth-cheud priomh-dhuil, de ’m bheil gach ni air a dheanamh suas, agus buaidhean air leth aig gach aon diu. Tha neart de na nithe a chi sinn air an deanamh suas de dha no tri de na duilibh so air an coimheasgadh. Tha cuid diu nach gabh faicinn idir. Dhiu so tha’n da stuth de ’m bheil an t-aile air a dheanamh suas. Tha’n cuigeamh cuid deth de ’n phriomh-dhuil ris an abrar oxygen, agus a chuid eile de nitrogen. Nise cha b’ urrainn neach air bith a bhi beò ach uine ghoirid ann an aon de na dùilibh sin air leth. Tha uisge, a rithist, air a dheanamh suas de hydrogen agus oxygen; da stuth a loisgeas mar ghual nuair nach ’eil iad measgta feadh a cheile. Mar so tha an staillin soilleir cruaidh a fas ’na luaithre ruadh, agus gach seorsa feòla na ni breun, nuair tha ’n t-aile a drughadh orra. Faodaidh tu nise a thuigsinn ciamar tha ni cho milis ri siucar air a tho’irt á eorna agus á buntata grod, agus ni cho garg loisgeach ri uisge-beatha, á siucar. Tha siucar air a dheanamh suas de dha stuth ris an abrar ’sa Bhéurla carbonic acid agus alcohol. Ma chuirear beirm ri siucar air a leaghadh ann am burn, agus gun d’ theid fhàgail air dhoigh a’s gun ruig an t-aile air, tha sgaradh air a chuir eadar an da stuth ud: tha blas milis an t-siucair a falbh agus ’na aite tha blas garg an alcohol, air a choimheasgadh le blas geur an acid. Ged a tha am burn agus iad so fhathasd an ceann a cheile, gidheadh tha iad an nise’ nam boinneagan air leth feadh an uisge. Roimh so bha an t-alcohol agus an t-acid air an coimheasgadh air dhoigh ’s gun robh gne gach aon diu air a chall, mar anns an t-siucar thioram. Tha an stuth an nise ’na leann. Gabhaid h stuth coltach ri so deanamh de gach deoch anns am bheil siùcar, mar a tha sùgh nan ubhlan agus nam fion-dhearcan. Oibrichidh sùgh mheasan mar iad so, gun bheirm idir, ma dh’ fhagair iad sgaoilte ’s an aile: ach ma dhuinear suas iad ann an soithich, cha’n oibrich. Ach far am bheil a mhàin siucar agus an t-uisge glan, no stuth mar bhrailis, cha’n oibrich e gun bheirm a chur ris. ’S e na tha de mhùthadh eadar fion agus leann, gur e fuigheall na fion-dhearc a th’anns an dara h-aon, agus fuigheall eorna no slait-shiucair a th’ anns an stuth eile, maille ri uisge, carbonic acid, agus alcohol. Ma leigear leotha seasamh anns a ghaoith car uine bheag, falbhaidh an t-acid feadh an athair agus caillidh iad am blas geur; ach tha iad cho garg agus cho laidir ’s a bha iad roimhe; oir is e an t-alcohol a mhain a tha a’ losgadh agus a’ togail misg. Ach ma bhlaithichear iad, tha ’n t-alcohol agus beagan de ’n uisge ag eiridh comhla ris an acid; agus mar is treise an teine, ’s ann is mugha a dh’ eireas de ’n uisge. Nise ma ghlacar an toit ann an feadan fada fuar, coltach ri cnuimheag na poite duibhe, tha an t-alcohol agus an t-uisge ag éirigh nam boinneachan an ceann a cheile, ach tha an t-acid a sgaoileadh feadh an aile. Tha, mar an ceudna beagan de stuithean sleamhain eile, a bh’ anns an leann no ’s an fhion, a leantuinn riutha; agus ’se so a mhain is aobhar air na tha de mhuth eadar branndi, rum, agus uisge-beatha, ach gum bheil beagan tuill’ uisge ann an cuid diu na th’ anns a chuid eile. Tha gach aon diu soilleir mar uisge-beatha gus am bheil dath ’ga chuir orra, an deigh a bhi air an tarruinn. ’S ann as an t-siucar a mhain a tha an t-alcohol a tighinn; agus cha ’n ’eil an t-atharrach’ is lugha eadar an t-alcohol a th’ ann an uisge-beatha agus an t-alcohol a th’ ann an leann, no ann am fion, no ann an dibhe sam bith eile. Tha doigh aig daoine foghluimte air an t-alcohol a sgaradh gu tur bho gach ni eile—agus mar so fhuaras a mach gum bheil tuille as leth an uisge-bheatha ’na alcohol, agus gur uisge glan, gu inbhe bhig, a chuid eile. Is alcohol an ceathramh cuid de ’n fhion a thatar ag òl anns na rioghachdaibh so—agus mar sin tha e soilleir gum bheil dà ghloine fhion faisg air a bhi cho druighteach ri aona ghloin’ uisge-beatha. Mar is treise an stuth ’sann is mugha an diughail. Nuair a tha uisge an ceann alcohol, cha ’n ’eil an t-aon tomhas deth buileach cho garg ’s an uair a tha e gun mheasgadh agus uime sin feumar beagan tuille dheth òl mu ’n druigh e air neach cho searbh ’s a nuair nach ’eil sion ’n a cheann. Ach ’se so na tha de mhùth eadar a bhi ’g òl, alcohol ghlan ’s a bhi ’g òl leann, fion, uisge-beatha no deoch air bith de ’n t-seòrs’. Tha mi creidsinn gum bheil fhios agad fhein, a leughadair, gum feud duine a’ bhi air mhisg le leann no le fion cho math ’s le uisge-beatha: agus tha ’n tuille dhiubh sin cho diubhalach air gach dòigh ri tomhas na ’s lugha de ’n uisge-bheatha. Feudar a thuigsinn, on bhlas a th’air alcohol, agus mar a sgaolas e’m beul, nach biadh no deoch e. Thug ar Cruitheir dhuinn ar blas agus ar faireachdainn a chomharachadh a ni a tha feumail bho ’n ni a tha cronail do ’r pearsa. Nise nan tugamaid uisge-beatha do neach nach cuala ni riamh mu dheibhinn, ’s ann a chuireadh e mach e agus braoisg air, mar is minig a chithear air daoine an deighe balgum dibhe a shlugadh; cha dean duine paiteach mar sin an deigh uisge òl; ni ma tha iotadh a fantainn an deighe dha gu leòir ol. Ach tha alcohol garg, loisgeach; agus an aite e chasgadh pathaidh, mar is mugha a dh’ olthar dheth, ’s ann is mugha ar pathadh, agus ’s ann is mugha ar deidh air tuille, a mheud ’s ga’n òl sinn. Tha clann an toiseach ’ga shlugadh gu scairteil, ged a bheir e deòir bho ’n suilibh, on a tha iad a smuaineachadh gum bheil e cliuiteach dhaibh gun smuairein a ghabhail a ni a tha ’g an goirteachadh; agus mar so tha iad ag ionnsachadh òl gu toileach. Nuair a tha alcohol a ruigheachd a ghoile, tha e ’g a scaldadh; agus ma tha neach a leantainn fada air a bhi ’g a òl tric, tha e a losgadh air falbh a chochaill a tha a comhdachadh taobh a stigh a ghoile gu leir.* Nise tha so buileach cronail: oir nuair a loisgear an comhdach so, tha an sùgh a tha a’ sruthadh troimhe a’ call a chuid mhòr d’ a neart, agus ’se ’n sugh so is meadhon air a bhiadh a chnamh. Tha alcohol a cuir bacadh air cnamh a bhidh cuideachd, a cheann gun cum e ni air bith a chuirear ann gun chaochladh. Nuair is math le leigh ball-cuirp a chumail gun ghrodadh, cuiridh e an alcohol e. Loisgidh so an taobh a mach dheth ach cha tig muthadh tuilleadh air, ged chumtadh an sin mile bliadhn’ e. An deighe a bhi uine bheag anns a ghoile, tha an t-alcohol a dol am measg na fala, agus a’ sgaoladh air feadh na h-eanachainn, agus gach ball de ’n chorp. Tha e nise a’ cuir teas feadh na colluinne gu leir; agus tha daoine a faineachadh a bhi ni’s beothaile, ni ’s misneachaile, agus ni ’s neo-omhailiche mu gach ni; agus tha an smaointean troi’ a cheile, air dhoigh ’s nach urrainn iad cuis dhomhainn a rannsachadh mar air uairibh eile. Mar so tha an lasanan agus an anamiannan air an rannsachadh, agus an tuigse aig a cheart am air a cuir fo mhi-riaghailt. Tha daoine an sin deas air nithean a labhairt nach bu choir dhaibh, air a bhi cuir bosd asda fhein, agus a deanamh tair air muinntir eile, agus air geilleadh do gach droch run a dh’eireas ’n an inntinn. “Amhaircidh do shuilean,” arsa Solamh, “air mnaibh coimheach agus cuiridh do chridhe an céill nithe claona; agus bidh tu mar an ti a luidheas sios ann am meadhon na fairge, no mar esan a laidheas air barr croinn siùil.’ Gnath-Fhocal, caib. xxiii. v. 33, 34. Mar so tha daoine fo chumhachd deoch laidir air an tarruinn gu braid agus neoghloine, gu connsachadh, trodadh, agus math a dh’eudte gu mort. Tha Breitheachan agus Maoir a Chruin ag radh gur h-e ’n t-òl is aobhar corr a’s da tririan de na ciontaibh a th’ air an cuir an gniomh air feadh Bhreatann. Bheir bodach de dh’ alcohol, glan bas duine an uine ghearr agus foghnaidh leth-bhodach do neach òg. ’S e ’m fath nach ’eil daoine a tha ’g òl tuill’ a’s so a’ basachadh nach ’eil iad ag òl moran deth comhladh; oir an deigh sgaoileadh feadh na fala, tha moran deth gu h-ealamh a tighinn a mach troimh a chraicionn agus ’s an anail. Ged a tha e a’ dol am measg na fala, cha ’n eil boinne dheth a’ fas ’na fhuil , mar a tha gach seorsa bidh. Tha so a feuchainn nach ’eil toradh sam bith ann; oir tha dearbh fhios aig daoine foghluimte gur ann as an fhuil a tha an corp gu leir air a bheathachadh. Cha ’n eil an alcohol ach gual a’s uisge; agus cha ’n ’eil e a toirt neart do dhaoine ni ’s mugha na tha a chuip a toirt neart do’n each. Tha e cuir * Fhuaras so a mach le dearg-lighichibh a dh’ fhosgail cuirp dhaoine a bha trom air an deoch: agus ’s ann mar so a fhuaras a mach gu coimhlionta an doigh anns am bheil deoch laidir ag oibreachadh air pearsa an duine. [TD 55] [Vol. 5. No. 8. p. 7] teas air feadh na fala; agus uime sin tha moran a smaoineachadh gum bheil e ’g an neartachadh. Ach beachdaicheadh iad ciod a tha tighinn ’n a dheighe; agus chi iad gur ann tha e ’fagail dhaoine fann agus anfhulanach. ’S e fois a’s biadh a mhain a shuidhich Freasdal chum neart ath-bheothachadh, agus foghnaidh iad so; ach cha ’n eil feum sam bith an ni eile. Ged a tha e cuir teas feadh a chuirp an toiseach tha e fosgladh pòran a chraicinn, agus tha an duine a rithist ni’s buailtiche do fhuachd agus ni’s fhuaire na bha e mu ’na dh’òl e boinne dheth. Mar so chualar mu iomad neach a mheilich le fuachd an taobh tuath America, a cheann gu ’n d’ òl iad mòran branndi ri latha reòta geamhraidh. Labhair na baird moran mu ’n chridhealas a tha ’g eiridh bho dheoch laidir: ach b’ e sin cridhealas na boilich agus na connspoid, a dh’ fhagadh daoine tiamhaidh, crosda, an lath’-arna-mhaireach. Cridhealas gu dearbh! Ciod an cridhealas a th’ aìg bean agus cloinn a mhisgeir nuair a tha iad ’n an crùbain gu luideagach, acrach, mu theallach fuar, lom, agus esa ag òl ’s an tigh-leanna an ni bu choir biadh agus aodach a cheannach dhaibh, agus a chuireas fuaim a cheuman a tighinn dhachaidh sgàth orra, agus cha’n e aoibhneas mar bu chubhaidh? Ciod an cridhealas a th’ aig a chairdean nuair a tha e ’g an ruigheachd cho goirt ’s gum beil iad cuid de uairibh a rùnachad gun tigeadh crioch air a laithibh? Ma ’s math le daoine stuth diubhail òl a ni cridheil iad car seal, faidheadh iad luach sgillinn no dha de ’n aile ris an abrar ’s a Bheurla laughing gas. Bheir so orra garachdaich gun allsach, leum le aoibhneas; agus ged a tha e cronail, cha ’n ’eil e cho cronail ri alcohol, agus tha e moran ni ’s saoire: neo ma ’s math leo ni a bheir mor-shubhachas dhaibh, oileadh iad beagan opium. Bheir sin orra bhi cho sona ciùin ’s ged a bhiodh iad am flaitheas. Tha ’n stuth so gun teagamh ro chronail, laidir, oir ’s e a tha moran a gabhail an uair a tha iad a cur as daibh fhein; ach cha chur e daoine air chaothach mar, a ni alcohol. Tha so cuideachd cheart cho làidir, cronach; oir tha e toirt bas moran feadh nan rioghachdan so gach latha; agus ma dh’ òlas duine dheth uimhir ’s a dh’ òladh neach pàiteach de dh’ uisge, bheir e bàs obann air. Tha na nithe sin a feuchainn gu ’m faod iomad ni cronail gean a chuir air daoine, agus faochadh a thoirt daibh car tiota. Be cur as teine le bhi cuir connaidh air, bhi ’g òl alcohol chum pathadh a chasgadh: oir ’s ann a chuireadh e tart air daoine air nach ’eil pathadh. Tha deoch laidir a fàgail dhaoine ni ’s buailtich’ do gach galair; agus ni’s taise an deigh a ghabhail: agus a bharr air a so tha i togail mòran ghalaran do dhaoine gun aobhur air bith eile. “Cha ’n aithne dhomh aon ni eile,” ars an Leigh Drotter, “a tha togail tuille eucail na deoch laidir.” “’S e ar barail” arsa tri air fhichead de na Leighibh a ’s ainmeile an Lunnunn, “nach ’eil ni a ’b fhearr chum anshocair a laodachadh, agus slainte a chumail ris gach neach, na sgur gu h-iomlan de bhi ’g òl deoch laidir.” “Air gach ball de ’n chorp air an druigh i,” ars an t-Ollamh Allen, “tha i ’g oibreachadh mar phuinsein.”* (Ri leantuinn.) * Chitear na teistneasan sin, maille ri moran eile, an da leabhar a chuireadh am mach, lé Maighistir Beardsall agus Maighistir Parsons, da Mhinisteir Sasunnach. Air an latha ’n diugh, tha barrachd cruadhach ’ga chosg air feadh an t-saoghail ann an deanamh pheann na th’ air a chur a dheanamh ghunnachan us chlaidheamhan. Tha am peann a toirt buaidh air a chlaidheamh. ’S i eaglais Naoimh Pheadair, anns an Roimh, an tigh-aoraidh a ’s motha th’ air an t-saoghal. Tha àiteachan-suidhe innte do leth-cheud ’s ceithir mìle duine (54,000.) ’S i eaglais N. Phòil, ann an Lunnainn, an eaglais a ’s motha tha ’m Breatuinn, agus cha toill innte ach mu choig mile fichead, na ’s lugha na darra leth na thoilleas ann an eaglais N. Pheadair. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH &CO CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W, CROWE. [TD 56] [Vol. 5. No. 8. p. 8] Marbh-rann do Phrionnsa Tearlach. LE UILLEAM ROS. Soraidh bhuan dha’n t-Suaithneas bhàn, Gu là-luain cha ghluais o’n bhas; Ghlac an uaigh an Suaithneas bàn— ’S leacan fuaraidh tuaim’ a thàmh! Air bhi dhomh-sa triall thar druim Air Di-dònaich, ’s comhlan leam, Leughas litir naigheachd leinn, ’S cha sgeul ait a thachair innt’, Soraidh bhuan, &c. Albainn àrsaidh! ’s fathunn bròin, Gach aon mhuir bhàit’ tha ’bàrcadh oirnn, T’oighre rioghail bhi san Ròimh, Tirt, an caol chist’ liobhta bhòrd! Soraidh bhuan, &c. ’S trom leam m’ osnaich anns gach là ’S tric mo smuaintean fad’ o laimh— Cluain an domhain truagh an dàil, Gur cobhartach gach feòil do ’n bhàs! Soraidh bhuan, &c. Tha mo chrìdh’ gu briste, fann, ’S deòir mo shùl a’ ruidh mar allt, Ge do cheilinn sud air am, Bhrùchd e mach ’s cha mhisde leam. Soraidh bhuan. &c. Bha mi seal am barail chruaidh, Gu ’n cluinnte caismeachd mu ’n cuairt; Cabhlach Thearlaich ’thigh’n’ air chuan, Ach thrèig an dàil mi gu la-luain, Soraidh bhuan, &c. ’S lionmhor laoch a’s mill treun. Tha ’n duigh an Albainn as do dheigh. Iad fos n-iosal ’sileadh ghèur, Rachadh dian leat anns an t-strèup. Soraidh bhuan, &c. ’S gur neo-shubhach, dubhach sgì, Do threud ionmhuinn anns gach tìr, Buidheann mheamnach bu gharg clì, Ullamh, arm-chleasach san t-strìth. Soraidh bhuan, etc. Nis cromaidh na cruiteran binn, Am barraibh dhos fo sprochd an cinn, Gach beò bhiodh ann an srath no ’m beinn A’ caoidh an co’-dhosgainn leìnn. Soraidh bhuan, etc. Tha gach beinn, gach cnoc, ’s gach sliabh, Air am faca’ sinn thu ’triall, Nis air call an dreach ’s am fiamh, O nach d’ thig thu chaoidh nan cian. Soraidh bhuan, etc. Bha ’n t-àl òg nach fac thu riamh, ’G altrum gràidh dhut agus miagh, Ach thuit an cridhe nis ’nan clìabh, O na chaidil thu gu sìor. Soraidh bhuan, etc. Ach biodh ar n’ ùirnigh moch gach là Ris an Tì a’s aird’ a tà, Gun e dhioladh oirnn gu bràth Ar ’n èucoir air an t-suaithneas bhàn. Soraidh bhuan, etc. Ach ’s eagal leam ge math a’ chlèir, ’S gach sonas ’gheallair dhuinn le’m beul, Gu ’m faicear sinn a’ sileadh dhèur, A chionn an Suaithneas bàn a thrèig. Soraidh bhuan, etc. Cuireamaid soraidh uainn gu rèidh, Leis na dh’ imicheas an cèin, Dh’ ionnsaidh ’n àit ’na laidh an rèul, Dh’ fhògradh uainn gach gruaim ’us neul. So;aidh bhuan, etc. ’S bitheamaid toilicht’ leis na tha, O nach fhaod sinn bhi na ’s fearr, Cha bhi nar cuairt an so ach gearr, A ’s leanaidh sinn an Suaithneas bàn, Soraidh bhuan do ’n t-Suaithneas bhàn, Gu là-luain cha ghluais o ’n bhàs; Ghlac an ùaigh an Suaithneas bàn ’S leacan fuaraidh tuaim’ a thàmh! STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. SANAS. Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air pris iseil, rach a choimhead air D. J. DOMHNULLACH. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram,tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. [TD 57] [Vol. 5. No. 9. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 29, 1896. No. 9. A’ CHREITHLEAG. Tha oibre a’ chruitheir mìorbhuileach annta fein, araon thaobh nan nithe aig am bheil beatha agus nan nithe aig nach ’eil. Cha ’n ’eil a’ ghrian, a’ ghealach, agus nan reultan a’ foillseachadh cumhachd, maitheis, agus gliocas an Tighearna air mhodh na soilleire, na tha na feartan sin air am foillseachadh ann an cleachdannaibh, nàdar, agus buaidhibh nan créutairean a’s meanbha air am bheil sinn a’ saltradh fo’r casaibh. Mar aon eiseimpleir air so, am measg mhìltean eile, gabhamaid beachd air a’ chuileig bhig, nimhnich sin air am bheil eòlas againn uile, agus is i sin a’ chreithleag. Cò nach robh gu minig air a chlaoidh leis na lotaibh guineach aice air feasgar blàth samhraidh? Is iongantach da rìreadh an dòigh air am bheil an créutair beag so air a bhreith agus a’ fàs gu inbh. Tha na cruthatharraichean troimh am bheil an dealbhan-dè, agus iomadh créutair beag eile dhe ’n ghne sin a’ dol anabarrach neònach, ach a thaobh so bheir a’ Chreithleag buaidh orra uile. Cha mhor de mo luchd-léughaidh gu sònraichte dhiubhsan a tha chòmhnuidh air an dùthaich, nach minig a chunnaic an ionnsuidh chruaidh a bheireadh na creithleagan air an each bhochd air là grianach samhraidh. Bhiodh iad ’nan sgaothaibh ag iadh mu ’n cuairt da, a’ dol an sàs na chliathaichean, agus ’na chosaibh, agus ’ga chlaoidh gu searbh. Tha e air fhaotuinn a mach gur i a mhàin a’ chreithleag bhoirionn a lotas an t-each truagh air an dòigh so, agus c’arson? Tha a’ chuileag bhochd a’ deanamh so gu’n fhios, gun aire dhi féin, chum a gnè fein a chumail suas. Tha i ’ga tilgeadh fein gu cruaidh am measg fionnaidh an eich, far am bheil i a’ suidheachadh nan uibhean aice, agus air doibh a bhi air an comhdachadh le stuth de nàdar glaoidh, tha iad a’ leantuinn gu teann an sàs ann an ròine an eich. Ann sin laidhidh iad beagan làithean, gus am fàs daolag bheag annta. Tha e ’na chleachd aig an each a bhi ’ga imleachadh fein gu tric, agus an uair a bhios e deanamh sin, tha e bristeadh nan uighean meanbha sin, agus tha na daolagan a bha annta a’ dol a ’n sàs na theangaidh, agus air an giulan sios do bhroinn an eich maille ri a lòin. Tha iad a’ dol gu teann an sàs ann an stamaic an ainmhidh bhochd, far am bheil iad ’g an ceangladh fein gu cruaidh le da dhubhan a ta air gach taobh dhe ’m beul. Tha iad a’ fantuinn gu stòlda ’san àite iongantach sin ré mhiosan a’ gheamhraidh, far am bheil iad air am beathachadh gu seasgair le stuthannaibh àraidh a ta ’s an stamaic. Aig deireadh an earraich, tha iad a’ call an greim fein dhe ’n chraiceann, air an robh iad co fada an sàs, agus tha iad air an tilgeadh a mach ann an innear an eich a thug caidreamh co fada dhoibh. A cheann so tha iad ’gan nochdadh fein ann an cruth eile mar chn imh eagan beaga, cruinn, agus tha iad a’ gabhail fasgaidh, ann sin, ’san talamh. Mar so, tha iad na ’n laidh gu ’n charachadh gus an tig am blathas. An sin, dùisgidh iad suas na’n lan neart agus beothalais mar chuileagan a tha cuimear ’nan dealbhadh, a tha ro làidir a réir am meud, agus ro neo-bhàigheil ri duine agus ainmhidh le ’n gathannaibh géur. IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN. Dh’ùraich mi m’ eòlas air cuid de ’m chàirdean is de chàirdean a MHAC-TALLA ré mo chuairt ghoirid an Sidni. Be ’n Di-màirt ud latha na h-election ’s bha inntinn gach neach làn de pholitics. Is fior an radh gur ann á pailteas a chridhe a labhras am beul. Bha comhradh gach neach a co-chordadh ri staid an inntinn. Ach their mi so, nach cuala mi guth mor no droch fhacal fad an latha, agus nach fhaca mi aon neach air an robh coltas misg. Cha robh fois no tamh ann an oidhche ud gus an d’ fhuaradh a mach co an taobh a choisinn a bhuaidh. Dh’ fhàg sud mise gun mhoran fois, agus tha mi creidsinn gur h-iomadh neach a bha coltach rium am Mor-roinn Chanada an oidhche ud. Dh’ fhag mi Sidni air an ath latha agus thàinig mi air ais an taobh a dh’fhalbh mi cho fad ri Orangedale. Co choinnich mi an sud ach gu’m b’ e mo sheana charaid Calum mor Gillios. ’S fhad’ o’n bha eòlas math againn air a chéile. Fhuair mi cuireadh fialaidh gu dol maille ris an oidhche ud, ni bha mi toileach a dheanamh. Is mac Calum do dh’ Aonghas Gillios a chaochail an uiridh. Bha Aonghas Gillios ceithir bliadhna deug a dh’ aois ’nuair thainig long Mr. Aonghais, am Polly, do dh’ Eilean a Phrionnsa. Bha sin anns a bhliadhna 1803 agus dh’ fhàgadh sin esan ceud bliadhna ’sa còig aig àm a bhàis. Rugadh is thogadh e air an Taobh Sear ’s an Eilean Sgiathanach. Bha ’thur ’sa chuimhne ’sa neart aige ann an tomhas iongantach math gus an latha mu dheireadh. Thainig e le ’theaghlach do Cheap Breatuinn o chionn leth cheud bliadhna ’sa còig agus thainig e a’ Hogamah far am bheil Calum a mhac agus cuid eile de theaghlach a chòmhnaidh. So mar a shloinneadh iad Calum coir na ’m biodh e ann an Albainn;—Calum, Mac Aonghais, Mhic Iain Bhuidhe, Mhic Ghilleaspuig Ruaidh. Thachair Gaidheal gasd’ eile rium a tha faotainn a MHAC-TALLA gach seachdain bho ’n thàinig e mach; ’se sin Lachlainn Mac Shomhairle Chaimbeil an Gleann na’ Sgiathanach. Bha mi toilichte fhaicinn agus a chluinntinn bhuaithe fhéin gun robh ’m paipear naidheachd Gàidhlig a faighinn aoidheachd na thigh. Ach feumaidh mi stad dhe m’ chòmhradh mu thimchioll na chuala ’s na chunnaic mi air mo thuras an Ceap Breatuinn neo fàsaidh do luchd-leughaidh seachd sgith dhiom. Cha bhiodh ioghnadh sam bith orm ged bhiodh cuid aca air sin a dheanamh mar tha. Ach stadaidh mi nise. Dh’ fhàg mi Ceap Breatuinn air a 25mh latha de Iun agus air an ath latha ràinig mi gu sàbhailte mo theaghlach agus mo chàirdean gràdhach an Strathalba, an t-aon ionad air uachdar an t-saoghail mhòir mu ’n iath a ghrian ris an urrainn mi mo dhachaidh a radh, agus mar sin an t-ionad thar gach uile ionad eile air an talamh, ris an ceangailte m’inntinn. Tha mo thuineachadh nis bho cheann àireamh bhliadhnachan a measg mo luchd-duthcha, Gaidheil Strathalba. C’arson nach bithinn riaraichte le ’m staid, agus socrach a’m inntinn oir “a measg mo shluagh fein tha mi ’am chomhnaidh.” Tha iomadh beannachd prìseil A teachd oirnn gun dibradh, o ’S ged bhiodh rud a dhìth oirnn ’S olc a ni bhi talach. C. C. A CHRIOCH. Bha Henri M. Stanley gle thinn air an t-samhradh so. Tha e nise dol am feobhasach tha e fada o bhi slàn fhathast. Bha an tinneas ag obrachadh air riamh o’n thill e á Africa. Tha siubhal ann an Africa anabarrach buailteach air galair bàis a thoirt do dhuine. Bha deichnear eile còmhla ri Stanley air an turus mu dheireadh air an robh e ann, agus dhe ’n deichnear sin, tha triùir a cheana marbh, ged nach ròbh gin dhiubh nach robh fichead bliadhna na b’òige na Stanley fhéin. [TD 58] [Vol. 5. No. 9. p. 2] ISEABAIL ODHAR AGUS MONAGAN Ann an co-thràth an fheasgair, ’nuair a shaoil leis a bha e fada gu leor air falbh o Iseabail, ’s o’n bhaile, rinn e air a shocair, agus smaoinich e gu’m bu chòir dha anail a leigeil mu’n rachadh e ni b’fhaide. Shuidh e air lethoir cnuic. Thug e mach an leabhar pòcaid ’s thoisich e air cunntais an airgid. Bha beachd maith aige air meud na suime, ach bha toil aige làn-riarachadh a’ thoirt d’a inntinn mu’n chùis. ’Nuair a bha e ullamh a chunntais bha aoibhneas nach bu bheag air, oir bha ochd ceud agus tri fichead punnd Sasunnach air a shiubhal! Sgìth ’s mar a bha e, an déigh na rinn e ruith mar gu’m biodh fiadh reubt’ ann, cha b’ urrainn e cumail air fhéin gun éiridh a dhannsa ’s a leumnaich mar gu’m biodh duine as a chiall ann; oir bha e glan air mhisg le h-aoibhneas. Thoisich e air gabhail phort mar so:— ’S maith a dhannsadh Uisdean Friseal, Uisdean Friseal, Uisdean Friseal, ’Smaith a dhannsadh Uisdean Friseal, Leis an fhichead maighdeann; Ceathrar roimh’ agus na dhéigh, Ceathrar roimh’ agus na dhéigh, Ceathrar roimh’ agus na dhéigh, Seisear air gach làimh dheth. Nuair a bheireadh e greis air dannsadh leis a phort so thòisicheadh e ri port eile:— Bodachan a ’phinnt leanna, ’Phinnt leanna, ’phinnt leanna, Bodachan a ’phinnt leanna, Bidh e air an daoraich. Bodachan hori horò, ri orò, ri orò, Bodachan horò ri, bidh e air an daoraich. Nuair a thug e greis air a chaitheamh so thog e air ’s dh’fhalbh e. Fada no goirid ga robh Glaschu uaithe cha robh bheag a mhoille ’na cheum a dh’oidhche no’ latha gus an d’ràinig e. Air a cheud chòmhdhail a fhuair e sheol e do Mhanainn. Rud a bha nadurra gu leòr, bha Iseabail car trom-inntinneach am feasgar a dh’fhalbh Monagan. Bha tlachd aice dheth mar bu chòir a bhith aig gach mnaoi d’a fear, agus bha a h-inntinn car neo-fhoiseil le bhi smaoineachadh air a liuthad galair bàis a bh’ anns an t-saoghal, agus gu’n robh fear a tighe buailteach a dh’ iomadh aon diu. Bha i o làithibh a h-òige a’ toirt làn chreideis do’n bheachd a tha’n Sgriobtuir a’ cur an céil a thaobh oibre freasdail Dhe; mar an ceudna, bha fhios aice gu’m b’e a dleasnas, aig uair na trioblaid ’s na h-iomaguin, a h-athchuinge chur suas risan a bha comasach air gach neach a dhion o chunnart: mar so bha i ghnath, re an fheasgair, a ’guidhe airson turus shoirbheachail agus pilleadh shàbhailte do Mhonagan. Ach mo thruaighe, cha d’aithnich i fhathast cò ’bh’aice—bha i tur aineolach fhathast nach robh ann am Monagan caomhn ach an sionnach ann an craicionn na caorach. “Ge b’e nach bi olc ’na aire cha smaoinich e air lochd neach eile.” So mar a bha Iseabail bhochd. Coma leat, cha b’ fhada gus an robh “Caochladh cuir air clò Challuim.” An àm a bhi gabhail mu thàmh thug i mar a b’àbhaist làmh air a h-uaireadair gus a thachras, ach ma thug cha robh sgeul oirra. Cha robh aice, mu’n dubhairt iad, ach an gad air an robh an t-iasg! Cha robh mìr dhi ri ’faighinn shios no shuas, thall no bhos. Ciod e dh’eireadh dhi? “Cò bheireadh air falbh i,” ars’ Iseabal. “Cha chuireadh Màiri meur oirre. Tha i nis sia bliadhna agam ’s cha do ghoid i fiach suip riamh. Tha i, ’n creutair, cho onarach ris na glasan. Ach cha robh ’s an t-seomar so ’n diugh ach i fhéin ’s Monagan, agus cha ’n fheud e bhi gu’n tug esan leis i ’s uaireadair aige mar tha. Mo chreach mhòr so thàinig! Uaireadair m’ athar! An ni mu dheireadh ris an dealaichinn a mhaoin an t-saoghail so.” Ghrad chaidh Màiri ghairm feuch am faca no an d’fhairich i neach sam bith a tighinn an còir an tighe. Cha’n fhaca, ’s cha d’ fhairich Màiri creutair beò a’ tighinn an rathad an tighe, ach dh’ ionndrainn i an t-uaireadair an uair a bha i ’càradh na leapa ’s a mhaduinn beagan an déigh a Mhonagan falbh, agus shaoil leatha gu’n do chuir Iseabail ’na pòcaid i mar is minig a rinn i. Bha ’chuis a nis ro choltach gur h-e Monagan fhéin a thug leis i; “ach air an t-saoghal,” smaoinich Iseabail, “ciod am feum a bh ’aige air da uaireadair?” Ciod e th’agam air ach nach tugadh neach sam bith a chreidsinn oirre nach robh Monagan ’na dhuine cho tréibhdhireach ’s cho onarach ri neach a sheas am broig. An déigh so gu leir, bha, mar gu’m b’eadh, a h-inntinn a’ toirt sainis dhi nach robh gnothaichean air am fagail le Monagan cho dòigheil ’s bu chòir dhoibh a bhi. Chaidh i luidhe, ach cha d’thànig lochdadh codail air a sùil fad na h-oidhche. Thainig a’ mhaduinn air a socair fhéin, agus maille rithe thainig sgeul air muin sgeil gu Iseabail a thug làn-dearbhadh dhi nach robh ann am Monagan ach an rògaire a’s mò air an do shil deur á athar. Thàinig caochladh chùnntasan a steach airson bathair a bha Monagan a cur an céil dhi a bha pàighte mios roimhe sin. Bha so dona gu leor, ach beagan na dhéigh sin thàinig sgeul moran ni bu mhiosa. Am feasgar roimhe sin, an uair a bha Monagan ag cunntas an airgid ’s a dannsa, ged a bha dùil aige nach robh duine ’ga fhaicinn, thuit e mach gu’n robh nigheann òg aig an robh iomadh là eolais air Iseabail ann an sgairt-am-folach, agus chuala i Monagan a’ bruidhinn ris fhéin. Thuig i mar a bha, agus cho moch ’s g’an d’thainig an là bu mhoiche na sin a dh’ éirich ise gu dhol a thoirt brath a dh’Iseabail mar a bha chùis. Nuair a fhuair Iseabail am brath so thuig i gu maith co ris a bha a gnothach. Thug Monagan caomh an car aisde cho glan ’s a ghabhadh deanamh. Bha i nis lom falamh. Cha phàigheadh am bùth ’s na bh’ann na cunntasan a thainig a steach ’s a’ mhaduinn. Bha na h-uile rud a bh’ann gu maith gearrta leatha, ach ciod e am feum a bh’ann dhi teannadh ri caoidh ’s ri bualadh bhas? Smaoinich i nach robh aice ach feuchainn ris a bheairt a b’ fhearr a dheanamh de’n bheairt bu mhiosa. “Beannachd leis gach ni dh’fhalbhas, cha’n e dh’fhoghnas.” Bha i gun fhios aice ciod a dheanadh i. Mu dheireadh thall ’s e bhuail ’s a cheann aice gu’m falbh adh i as a dhéigh, ’s gu’n leagadh i ’n ruith air an ruaig gu bràth gus am faigheadh i greim air, air neo gus am bàsaicheadh i air a thòir. ’S ann mar so a bhà. Mu’n gann a thàinig an latha, an lath ’r-na-mhaireach bha i deas airson a turais. Dh’fhalbh i, mhic a chridhe, ’s an colg sin oirre, ach ma dh’fhalbh ’s ann aice bha’n ceum làidir, fearail. Bha i cheart cho aigeannach ri Cas-shiubhail-an-t-sléibhe aon là ga robh i riamh. An àm dhi bhi ’dìreadh bheann ’s a’ tearnadh ghleann shaoilte air a ceum nach robh i fichead bliadhna, dh’aois. Bha cuid a dh’amhrus aice gur h-ann a Mhanainn a chaidh Monagan, agus rinn i suas a h-inntinn gu’n gabhadh i ball-gacha-dìreach gu ruige Glasachu air a’ cheud chrathadh rithe, an dòchas gu’m faigheadh i beachd-sgeul air cò’n taobh a thug e air. Ge b’ fhada bha uaithe cha b’fhada bha ruidhinn. Cha robh i fada ’n Glasachu gus an do thachair bana-charaid oirre a chuir failte oirre le mor chridhealas. “Fheudail, fheudail, ’s mi tha gle thoilichte gu’n do thachair sibh orm. ’S fhada o’n uair sin. Ach ciod e mar a tha ’m pòsadh a’ còrdadh ribh? Cha’n ’eil sibh ag amharc cho maith ’s a b’abhaist duibh.” Nis cha robh Iseabail deonach gu’m faigheadh neach sam bith a mach mar a bha ’chuis gus am b’fheadar e, agus fhreagair i gu ciuin, socrach gu’n robh gach ni ag cordadh rithe glé mhaith, ach nach robh i ’ga. faotainn fhéin cho maith ’s bu mhaith leatha o chionn beagan làithean; agus do bhrigh nach robh i riamh cleachdta ri bhi air falbh o’n tigh, gu’n robh i ga faireachduinn fhéin car beag troimh a chéile. “Ach, eadar dha sgeul, ars’ a bana-charaid ’s iongantach gu’m bheil sibh fhéin agus fear an tighe ’nar dithis o’n tigh. Chunnaic mi sealladh dheth an dé, ’s bha e ’g radh rium gu ’n robh e direach a’ dol a sheòladh a Mhanainn. Bha e ’g innseadh dhomh gum faighear gach seòrsa bathair a’m Manainn mòran ni ’s saoire na gheibhear e’n àite sam bith eile. Tha duil aige moran bathair a thoirt dhachaidh, bha e’g radh rium. Ach co ris a dh’earb sibh am buth? Fhreagair Iseabail ’s thubhairt i gu ’m b’ eiginn di fhéin ’s a Mhonagan am buth fhàgail, luachmhor ’s mar a bha e, o’n bha gnothaichean ro chudthromach ga ’n gairm o ’n tigh. “Ni gach duine glic,” ars’ ise, “a dhichioll air maorach maith a dheanamh fhad ’sa bhios an tràigh ann. Tha fhios agad fhéin gu’n robh mise riamh dichiollach air son rud a chur ma seach fa chomhair latha na coise briste, agus, ma ’s maith mo bharail, tha Monagan a h-uile buille cho [TD 59] [Vol. 5. No. 9. p. 3] deidheil air airgiod a chur ma seach ’s a tha mise. Tha ’m bùth an earbsa ri Màiri, agus cumaidh i gach ni gu ceart gus an tig sinn air ais.” Cha ’n ’eil feum a bhi ’g aithris a’ chorra de ’n t-seanachas a bh’ eadar Iseabail ’sa bana-charaid, ach a dh’ aon ni fhuair i mach cò ’n taobh a thug Monagan air. Thug so misneach bheag dhi. Sheol bàta do Mhanainn an ceann latha no dha, agus ghabh i a turus oirre. Nuair a ràinig iad am baile puirt chaidh i air tìr, ’s thoisich i ri feorach mu dheidhinn Mhonagain. An toiseach cha robh i ’faotainn duine a bheireadh dad a bheachd-sgeula dhi mu dheidhinn. Mu dheireadh thall, thachair neach oirre a dh’ innis dhi gu ’m facas coslas an dearbh dhuine mu ’n robh i feòrach a falbh a mach as a’ bhaile gle mhoch ’s a mhaduinn. Gun mionaid dàlach dh’fhalbh i ’s ghreis i a ceum mar a b’ urrainn i. Lean i ’n rathad mor fad an t-siubhail, ach cha ’n fhaca i na bha uaipe. Bha ’m feasgar a’ ciaradh ’s na speuran a’ fàs gruamach le coslas gaoithe agus uisge, ’s bha i fas gle sgith. Bhiodh i ’n dràsta ’s a rithist a’ smuaineachadh gu ’m b’ aimeadach an gnothuch dhi bhi falbh mar so gun fhios caite an robh i dol, agus na’n tigeadh an oidhche oirre mu’n ruigeadh i tigh gu’m faigheadh i bàs leis an fhuachd. Bha fhios aice nach robh dad a b’ fhear dhi na cumail air a h-aghaidh gun fhios ciòd a chuireadh am fortan oirre. An co-thràth na h-oidhche cò a b’ iongantaiche leatha fhaicinn ’na shuidhe air cloich ri taobh an rathaid mhòr na Monagan caomh? Bha mo laochan an duil gu’n robh, air a chuid bu lugha, an cuan Manainneach eadar e agus Iseabail, agus air dha bhi car sgith shuidh e a leigeil analach. Chunnaic e Iseabail, sùil g’an d’ thug e air a ghualainn a dlùthachadh ris, ach cha robh uine teichidh aige. De th’ agam air ach gu ’n d’ éirich braidean ’s aoigh a mhealltair air a ghnùis, ’s ghabh e’n coinneamh Iseabail ’s thug e sgaile pòige dhi. “A shùigh mo chridhe Iseabail, ’s mise ghabh an t-aithreachas air son mar a rinn mi o’n là dh’ fhàg mi thusa. Bhuail e ’sa cheann agam roid a thoirt a Mhanainn a dh’amharc air mo mhàthair, agus bha duil agam a bhi air ais an ceann beagan laithean; ach bha mo chridhe gu bristeadh leis an aithreachas a chionn so a dheanamh air eagal gu ’m biodh tusa gabhail fadachd. Tha mi ’g iarraidh moran mathanais ort. Bithidh gach ni gu ceart gu ’n dàil nuair a ruigeas sinn mo mhàthair. Ach de air an t-saoghal a ghluais o’n tigh thu? Tha eagal mòr orm gu ’n d’fhuair thu moran o dh’ fhàlbh thu ’s gu ’n cuir e galair do bhais air do shiubhal. Biodhmaid a falbh.” ’Se fior bheagan a chreid Iseabail bhochd ma chreid i dad idir, de na briathraibh so. Bha a beachd fhein aice air Monagan, ach cha do leig i dad oirre mu ’n airgiod no mu ’n uaireadair. Bha duthar na h-oidhe a’ teannadh ri còmhdachadh gach ni, agus bha eagal a beatha oirre. Cha robh fhios aice nach tugadh e oidhirp air a mort, agus bha sgian ludhaidh fosgailte ’na pòcaid air an earalas. Bha iad mar so a’ coiseachd air an aghaidh mar gu ’m biodh iad cho còirdte ri da cheann eich. Cha robh son seach aon ag ràdh a bheag. Ach mu’n canadh tu h-aon s a dha thug Monagan caomh cruinn leum thar an rathaid a steach do ’n choille, ’s cha robh an t-ath shealladh aig Iseabail dheth. Thug i oidhirp air a leantuinn, ach o’n bha choille cho tiugh cha b’urrainn i dad a dh’ astar a chur ’na déigh. Lean i roimpe mar a b’ fhearr a b’ urrainn di an duil an dràsta ’s a rithist gu ’n ruigeadh i iomall na coille. Mu dheireadh thall chaill i a cùrsa gu buileach, ’s cha robh fhios aice càite ’n robh i ’dol, mar nach b’ ioghnadh, an déigh na rinn i ’dh’ astar ré an latha, bha i air fàs gle sgìth agus airsneulach. Bha na h-uile rud na h-aghaidh, agus ged a bha deagh mhisneach aice riamh bha i nis air thuar a thréigsinn gu buileach. Cha robh aice ach am bàs roimpe ’s na deigh; na ’n stadadh i far an robh i bhàsaicheadh i leis an fhuachd, oir bha ’n oidhche fliuch agus fuar; na’n cumadh i air a h-aghaidh cha b fhada gus an tugadh i thairis leis an sgìos. ’S e rud a rinn i, chum i air adhart mar a b’ fhearr a b’ urrainn di. Chunnaic i solus beag mùgach fada uaipe, agus rinn i dìreach air. Ràinig-a-cheart-air-éiginn. Ach ciod a b’iongantaiche leatha ’nuair a bha i ’dlùthachadh ris a’ bhothan uaigneach so na guth Mhonagain a’ chluinntinn ’s caithream aige air gabhail phort. Thàinig i gu fàilidh gu uinneig bhig a bh’ air cùl a bhothain ’s dh’amhairc di gu caol a steach. Chunnaic i air ball cur an tighe. Bha Monagan an sin agus triùir no ceathrar eile de bhalagairean bhalach maille ris, agus cailleach mhòr fheusagach, ghlas, air an robh coltas air leth dalma agus dannarra. Chlisg i leis an eagal nuair a chunnaic i iad. Bha iad gu léir air an dall daoraich, ’s bheireadh iad greis air gabhail phort ’s air dannsadh, ’s treis eile air trod ’s air sglàmhachd. Mu dheireadh thall thuit iad uile seachad ’nan codal thall ’s a bhos timchioll an teine ach Monagan agus a’ chailleach mhòr, a’ mhàthair. A reir coltais cha robh leaba a’ stigh ach an t-aon, agus fhuair Monagan a dh urram, o’n bha e air ùr thighinn dhachaidh agus sluim mhath airgid aige, a dhol a luidhe innte ’n oidhche sin. Nuair a dh’ òl e-fhéin ’sa mhàthair làn no dha na slige air a chéile chaidh e luidhe. Chunnaic Iseabail e cur an sporain agus an uaireadair fo ’cheann. Smuainich i o’n a rinn i na rinn i air toir an airgid gun tugadh i aon oidhirp eile fhathast mu ’n tugadh i suas a’ chùis. ’Nan rachadh an gnothach leatha bu mhaith, ach na’m beireadh iad oirre bha i cinnteach gu’n rachadh a cur as an rathad air dhòigh eigin. Bha i air a’ cur thuige cho mor ’s gu ’n robh i coma co dhiu bhitheadh i beò no marbh, agus ’se bh’ ann gu ’n rinn i suas a h-inntinn gu ’m feuchadh i ris an uaireadair agus an t-airgiod a thoirt gun fhios o cheann Mhonagain. Dh’ ealaidh i steach gu bog, balbh nuair a shaoil leatha gu’n robh iad uile nan suain chodail. Ràinig i ’n leaba ’s thug i’n t-uaireadair leatha ’s thug i na buinn di. Bha i mar gu ’m faigheadh i neart as ùr. Bha i glé thoilichte, ach bha ’n t-eagal oirre. Cha robh i ro chinnteach cia mar a gheibheadh i air a h-ais a dh’ ionnsuidh a bhaile-phuirt, a thaobh gu ’n robh an oidhche ann agus nach robh beachd mhath aice air an rathad air an d’ thàinig i. Coma co dhiu, chum i roimpe, ’s ghreas i ’cas, oir bha eagal oirre nan duisgeadh Monagan ’s gu ’n iondraineadh e’n t-airgiod gu’m biodh e air a tòir ’sa mhionaid. Gu fortanach dh’ aimis i air an rathad mhor ann an tighinn an latha. Cha robh i fad air adhart gus an d’ rug fear aig an robh each ’us cairt oirre. Ghuidh i air a toirt do ’n bhaile phuirt agus gu ’m faigheadh e làn phaigheadh. Rinn e so. Ràinig i ’m baile ’s fhuair i mach gu ’n robh long a’ dol a sheoladh air an fheasgar sin fhein gu ruige Glasachu. Fhuair i air bòrd, agus mu ’n deachaidh a’ ghrian fodha bha i far nach ruigeadh Monagan air dad a dhragh a chur oirre. Fhuair an long soirbheas glé fhàbharach, agus cha luaithe ràinig i Glasachu, ’sa fhuair Iseabail a cas air tir na thug i a h-aghaidh air a dachaidh. Bha gach ni gu dòigheil aig Màiri. Ged a fhuair Iseabail bhochd mòran allabain agus moran dragha inntinn as deigh Mhonagain, bha i toilichte gu ’n d’fhuair i ’n t-uaireadair sàbhailte, agus an t-airgiod gu léir ach ceithir no còig puinnd Shasunnach. Cha chuala i guth riamh dé a chrioch a chaidh air Monagan caomh, ’s cha mho na sin a bha iarraidh aic’ air. Chum i ’m bùth air aghaidh mar a b’ àbhaist di, agus bha i gu comhfhurtail fhad ’s bu bheò i. Cha do dhealaich Màiri riamh rithe. Rinn isa gniomh màthar ri Màiri nuair a shiubhail i rinn i dìleabach dhi. So, ma ta, mar a chaidh am pòsadh a dh’ Iseabail. Bha i da fhichead ’s a dha mu ’n do phos i, agus fad na h-uine sin bha i gu maith saoras dragh inntinn Ach o’n la phòs i gus an latha bhàsaich i cha robh mòran toileachaidh aice. Cha ni glé ghlic do thé sam bith sgaomaire òg a phòsadh, ’nuair a theid i thar an da fhichead bliadhna. Agus bu chòir do na h-uile té, sean ’us òg, smuaineachadh da uair mu ’m pòsadh i neach sam bith. Ach cha ’n ann mar sin a tha. ’S e th’ ann cha smuainich iad idir air a chùis gu ceart. “Am fear nach seall roimhe seallaidh e ’na dhéigh.” PEANNSDUBH. ’sa Ghaidheal. Sean-Fhacail. An rud a ghabhas ise ’na h-aire, cha chuir an righ fhéin as e. An rud a’s fhiach a ghabhail, is fhiach e ’iarraidh. An rud a nì Domhnull dona, millidh Domhnull Dona. [TD 60] [Vol. 5. No. 9. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, OGUST 29, 1896. Thugadh luchd-gabhail MHIC-TALLA an aire ’nuair a bhios iad a’ cur air adhart a phàighidh, nach cuir iad notaichean Geancach ugainn, oir anns an dùthaich so tha còig sentichean ’ga chumail bhar gach dolair dheth. Iadsan a bhios a’ cur airgeid ugainn as na Stàitean fhéin ’s fhearr dhaibh òrdugh posta fhaotainn; le sin a dheanamh cha chaill aona chuid iadsan no sinne. Bhatar a’ taghadh bhall do ’n àrd pharlamaid ann an da shiorrachd Di-màirt s’a chaidh. Bha aig dithis de mhinisteirean a chrùin ri aiteachan suidhe fhaotainn,—Blair agus Patterson. Thagh siorrachd Ghrey, an Ontario, Patterson le còrr us ceithir cheud bhòt a bharrachd air Wilmot a bha ruith ’na aghaidh, agus fhuair Blair a’ stigh ann an siorrachdan Queens-Sunbury, an New Brunswick, le sia ceud a bharrachd air an fhear a bha ’ruith na aghaidh féin, MacLaughlin. Tha na ministeirean a nise air an taghadh uile, agus deiseil gu dhol a dh’ obair. Chaidh lagh a dheanamh ’am Breatunn air an t-samhradh so, a deanamh mi-laghail a bhi toirt crodh beo a stigh dh’ an duthaich; feumaidh iad an deigh so a bhi air am marbhadh mu ’n cuirear air falbh iad as an duthaich ’s an deach an togail. ’Se ’n reusan a thatar a toirt air son so a dheanamh, gu bheil eagal orra gu ’n toirear galairean a stigh a sgaolas am measg spreidh na duthcha, ach tha daoine air an taobh so dhe ’n chuan a’ deanamh a mach gur e fior aobhar an lagha, gu robh an Riaghladh air son cothrom na b’ fhearr a thoirt do na tuathanaich Breatunnach. Roimhe so bha lan chead air crodh beò a thoirt á dùthchannan eile, ’s bha e cho soirbh an creic ri crodh na dùthcha fhéin. Ach bheir an lagh ùr so caochladh mor air sin. Cuiridh e call nach beag air Canada, oir bha i ’cur moran cruidh a null na h-uile bliadhna. Tha Prionnsa Bismark do ’m àbhaist a bhi na àrd fhear-dreuchd anns a’ Ghearmailt an dràsta ’gabhail air fhéin fàidheadaireachd a dheanamh, gu bheil an Fhraing agus Ruisia a’ dol an guaillibh a chéile gus an Iompaireachd Bhreatunnach a chur bun os ceann! Tha feadhainn a’ deanamh a mach nach eil anns an fhàidheadaireachd sin ach “aisling caillich air a dùrachd.” “Ach ged a thigeadh i gu crich, theagamh nach rachadh aig Ruisia’ s aig an Fhraing air an dòigh fhein fhaighinn. Chaidh oidhirp dhe ’n t-seòrsa sin a thoirt le cuid de rioghachdan na Roinn-Eòrpa uair no dha roimhe, agus cha do shoirbhich leotha ro mhath; ’nuair a bha ’n t-strith seachad, bha iadsan an iochdar ’s Breatunn an uachdar. Bha reis bhirlinnean aca ann am Breatunn air an t-seachdainn ’sa chaidh, agus bha birlinn aig Iompaire na Gearmailte, agus té eile aig fear de uaislean, Baran von Zedwitz, anns an réis. Am feadh ’sa bha iad a’ seòladh anns an réis Di-màirt, bhuail birlinn an Iompaire ann am birlinn a Bharain, agus rinn i milleadh mòr oirre. Bha am Baran fhéin air bòrd, agus fhuair e leònadh a dh’ aobharaich a bhàs am beagan ùine, Bha an sgioba gu leir air an tilgeadh dh’ an uisge, ach fhuaradh an sàbhaladh. Sguir an réis air bàll an latha sin. Bha am Baran na dhuine inbheach na dhùthaich fhéin; bha e ’na bhall dhe ’n phàrlamaid Ghearmailteach o chionn coig bliadhna fichead. Tha iadsan aig am bheil fios ag radh gu bheil aig Cruger, fear riaghlaidh an Transvaal, an aon àireamh oghaichean ’sa th’ aig Ban-righ Victoria. Eadar chloinn us oghaichean, le ’m mnathan ’s am fir-phòsda, tha seachd fichead pearsa ’sa dha ann an teaghlach Chruger. Tha duine ann an Stàit New Jersy, ag obair air ionnsachadh falbh aìr rothair, ged a tha e’n deigh ceud bliadhna ’sa tri dhe bheatha chur seachad. Nach e ’n diùmhlach e. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shuilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 61] [Vol. 5. No. 9. p. 5] NAIDHEACHDAN. Dh’ fhosgail na sgoilean air an duthaich Diluain s’a chaidh. Bidh iad a’ fosgladh anns na bailtean an ceann seachdain eile. Tha seachdain taimh a chorr air a thoirt daibh am bliadhna. Chaidh nighean a mhuinntir Nobha Scotia, Caitriona N. Shiosal a chur à cochall a cridhe le tàirneanach ann am Boston air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh i ann an laigse as nach do dhuisg i riamh. Dhiùlt duine tha ’fuireach ann an cearna dI stàit Indiana, leigeil le ’bhean a dhol dh’an sgoe Shàbaid an la roimhe, agus thug i mach daga ’s loisg i air. Cha diult e leigeil leatha dhoil anni tuilleadh. Tha fios á Port Hood ag innse gu’n deachaìdh naohdonar a thoirt gu cùirt an sin air an t-seachdain s’a chaidh air son a bhi glacadh ’s a marbhadh bradain gu mi-laghail ann an Amhuinn Mhargaree, agus anns an Amhuinn Bhig, aig Cheticamp. Fhuaireadh an naodhnar ciontach. Tha nighean ann an Charlestown, Mass., Carrie M. Keating, a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa, an deigh fear a mhuinntir Shina a phòsadh. ’Se ’s ainm dha “Goon Ming Yen,” agus tha e ’na cheannaiche ti anns s bhaile sin. Tha feadhain a deanamh a mach nach fhada gus am bi an dealachadh ann. Chaidh coignear iasgairean a’ mhuinntir cearna de Chuibec a chall air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’fhàg iad an dachaidh air an 18mh latha dhe’n mhios, agus Di-Satharna s’a chaidh fhuaireadh corp fear dhiubh air an tràigh. Cha d’ fhuaras sgeul air càch, agus thatar deanamh cinnteach gu robh iad uil’ air am bàthadh. Thainig duine ann an cearna de Arkansas ri bheatha fhéin o chionn ghoirid air doigh glé gharg. Stob e e-féin le sgian ceithir uairean, agus an sin leum e ann an tobar domhainn, far an deach e à cnaimh na h-amhach. Cha’n fhoghainn le cuid a dhaoine cur as dhaibh fein, gun e bhi air an dòigh air am miosa ’n gabh e deanamh. Bha stoirm mhor le tàirneanaich us dealanaich ann an siorrachd Antigonish a sheachdain gus an Di-ciaduin ’s an Diar-daoin sa chaidh. Bha sabhal le fear Uilleam Boudrot, air an Amhuinn a Deas, air a bhualadh leis an dealanach ’s air a losgadh, cuide ris gach ni a bha na bhroinn, innealan tuathanachais, each, carbad, agus am fiar uile. Bha teine ann an Gaspereaux, an Nobha Scotia, a sheachdain gus an diugh. Bhrìst e mach ann am factoridh bharailtean, agus bha e air faighinn cho fad air adhart mu’n tugadh an aire dha ’s nach gabhadh stad cur air, agus bha a dha no tri de thaighean eile air an losgadh. Tha ’n call air a mheas eadar coig ceud deug us da mhile dolair. Chaidh àireamh mhor de luchd-obrach as na mor-roinnean iseal do Mhanitoba air a mhsos so a dh’ionnsuidh na buana. Tha ’m bàrr cho trom ann am Manitoba ’s gu’m b’ fheudar còrr us da mhile duine thoirt à àiteachan eile gùs a chur gu feum. Gheibheadh duine bha air son a dhol a dh’ obair ann, air ais ’s air adhart à Nobha Scotia air son ochd dolair fhichead. Tha Li Hung Chang, fear de dh’ ard uaislean Shina air an t-samhradh so a cur cuairt air an Roinn Eòrpa ’s air America. Thug e sgriob air feadh na Roinn Eòrpa ’n toiseach agus toiseach na seachdain so sheòl e gu New york. Tha àireamh de dh’ uaislean eile comhla ris, agus tha moran lmrich a ’dol ’nan cois; tha mu thri cheud bocsa a falbh leothaa gach taobh an teid iad. Am measg nithean eile tha Li a giùlan leis, tha ciste-laidhe, gu bhi deiseil na’n tachradh sgiorradh sam bith a dh’aobharaicheadh a bhàs. An deigh a choigeamh latha deug dhe’n ath mhios, bidh cead aig daoine na cearcan-tomain a shealg. Tha ’n lagh a bacadh gin dhiubh a mharbhadh dadar a cheud latha de Dhecember ’s an coigeamh latha deug de September. Faodar ian seilg sam bith eile a mharbhadh an Ceap Breatuinn eadar an fhicheadamh latha dhe’n fhoghar ’s a’ cheud latha dhe’n Mhàrt. Tha seann Ghaidheal ann am Pictou, Alasdair Mac-an-Tòisich, a tha dà bhliadhna seachad air a’ cheithir fichead, agus ged a tha, cha do chuir e speuclair uime riamh, agus tha e ’g obair gu sùrdail a h-uile latha. ’Se ’s ceaird da bhi deanamh chuidhlichean-sniomha; chuir e crioch air cuidheal ùr air an t-seachdain s’a chaidh, agus chàraich e àireamh de sheann chuidhlichean. A sheachdain gu la na Sàbaid s’a chaidh bha triuir nigheanan beaga ann am bata dol thairis air amhuinn bhig aig Napanee, an Ontario, ’s iad a dol dh’ an sgoil Shàbaid. Bha stoirm thairneanach ann agus bhual an dealanach air a bhàta; chaidh dithis de na h-igheanan a mharbhadh, agus chaidh an treas té fhagail gu math leòinte. Cha robh gin dhiubh thar tri bliadhn’ deug a’ dh’ aois. Tha e coltach nach e aon duine bochd air am bheil fortan a’ tighinn. Fhuair fear Uillean H. Stephens, a tha cur seachad an t-samhraidh anns na Stàitean, fios o dhachaidh ann am Montreal ag innse gu robh piuthar athar no màthar dha air caochladh, ’s gu robh a cuid an t-saoghal ri bhi air a roinn eadar e-fhèin ua dithis eile. Thatar ag radh gur fhiach an dileab àireamh mhuilleanan. Chaochail Sir Daibh. Mac-a-Phearsain a sheachdain gus an Di-dònaich s’a chaidh, air bord an t-soithich Labrador, a tigh’n a nall a Sasunn. Bha lighiche air bòrd ach dh’fhairtlich air feum sam bith a dheanamh dha. Rainig an soitheach Cuibec Di-haoine. Rugadh Sir Daibhidh ann an Alba ’s a bhliadhna 1818, agus thainig e mach a Chanada nuair a bha e seachd bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha e na bhall de’n t-Seanadh o’n chaidh na mor-roinnean aonadh, agus bha e treis a bhliadhnaichean ann an dreuchd àird an riaghladh na dùthcha. Rinneadh ridire dheth ’s a bhliadhna 1884. Chaidh soitheach-smùide am Moldavia, a chur a ghrunnd a chuain eadar so ’s an t-seann dùthaich, a sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh, le meall deighe anns ’n do bhuail i. Bhristeadh toll a stigh na toiseach, agus lionadh i le uisge gu luath. Ghreas na bha air bòrd oirre do na bàtaichean, agus beagan an deigh dhaibh a dhol annta, chaidh an soitheach fodha. Bha iad ann da dhuine fichead air fad, agus bha iad anns na bataichean fad deich uairean fichead; chaidh an sin an togail le soitheach eile thainig an rathad, ’s a thug gu New York iad. Bha am Moldavia air a turus a Wales gu Halifax le luchd guail. POSAIDHEAN. Anns an “Aberdeen House,” an Sidni Tuath, air a’ 25mh latha dhe ’n mhios, leis an Urr. D. Drummond, Caiptean E. W. Hickey, Sidni Tuath, us Euphemia Churrie, nìghean Dhomhnuill Churrie nach maireann. Aig New Campbellton, air an 26mh latha, leis an Urr. D. Drummond, Gilleasbuig Mac Fhearghais, fear-sùl na mèinne, us Ceit Anna, nighean Aonghais Chaimbeil, fear-gleidhidh an t-soluis air Eilean nan Ian. BAS. Air taobh tuath Loch Chatalone, air a’ cheud latha de dh’ Ogust, Eobhan Ailein, mac Alasdair us Cairistiona Nic-an-t-Saoir, sia miosan a dh’aois. “Fuilingibh do na leanabaibh teachd a m’ ionnsuidhsa, agus na bacaibh iad, oir is ann d’ an leithidibh sin rioghachd Dhe.” OGUST, 1896. 1 Di-sathairne An Liunasdal. 2 DI-DONAICH 9mh Donach nn Trianaid. 3 Di-luain (2)An Cr.mu dheir.de ’n t-Sol. 2. 20 F, 4 Di-màirt (2)Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52 5 Di-ciaduin Bas Rob Dhuinn, 1778. 6 Dior-daoin (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598. 7 Di-haoine A Ghrian ag eiridh, 4,58, 8 Di-sathairne Duibhre air a Ghréin. 9 DI-DONAICH 10mh Donach na Trianaid. 10 Di-luain (9) An Solus Ur, 0.48. M. 11 Di-màirt Blar Dhailrigh, 1306. 12 Di-ciaduin A Ghrian a’ laidhe, 7.6, 13 Dior-daoin Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746 14 Di-haoine Bas Mhorair Chluaidh, 1863. 15 Di-sathairne A cheud Chr’tl. dhe’n t-Solus, 4.49, F 16 DI-DONAICH 11mh Donach na Trianaid. 17 Di-luain Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786 18 Di-màirt Blar Preston, 1649. 19 Di-ciaduin Bliadhna Thearlaich, 1746. 20 Dior-daoin Bas ’Ic Coinnich (Sar Obair.), 1849. 21 Di-haoine Blar Dhunchaillinn, 1689. 22 Di-sathairne (23) Bas Uilleim Uallais, 1305. 23 DI-DONAICH 12mh Donach na Trianaid 24 Di-luain (23) An Solus Lan, 2.50, M. 25 Di-mairt Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-ciaduin A Ghrian ag eìridh, 5.20. 27 Dior-daoin Sealg Bhraight Mhair, 1714. 28 Di-haoine A Ghrian a laidhe, 6.39. 29 Di-sathairne Blar Loch-Aillse, 1722. 30 DI-DONAICH 13mh Donach na Trionaid. 31 Di-luain AnCar’tl mu dheir.de’n t-Sol.6 41M D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. Am bheil thu gabhail Mhic-Talla? MUR EIL Cuir ’ga iarraidh $1.00 sa bhliadhna. [TD 62] [Vol. 5. No. 9. p. 6] TUS AGUS NADUR DIBHE LAIDIR. (Air a leantuinn.) Tha na daoine ris an abrar Quakers comharaichte air son a bhi seachnach air deoch laidir; agus uime sin tha am beathasa, a reir a cheile, ceithir bliadhna deug ni ’s fhaide na beatha a chuid eile de ’n t-sluagh. Tha cuid de ghalaraibh sgrathail do ’m bheil misgeirean a mhain buailteach. Cha ’n fhaod daoine a bhi smuaineachadh nach ’eil deoch laidir a’ deanamh coire dhaibh ach nuair a tha i ’g an goirteachadh; oir tha leighean ag innseadh gum bheil i deanamh coire an cònaidh air cho beag ’s ga ’n gabhar dhi, agus gu ’m bheil neach cuid de dh’ uairibh gun ghoirteas sam bith, nuair a tha taobh a stigh a ghoile air iongrachadh le dibhe. Mar so tha moran ’g am mealladh fhein mar a bha fear a thubhairt gu robh esa na ioma shlàinte ged a bha e ’g òl moran leanna car fhichead bliadhna, agus bhasaich e leis an t-ath latha. Cha ’n eil beathachadh idir an uisge beatha no deoch laidir a th’ air a tarruinn mar sin; agus cha ’n eil beathachadh an leann ach na th’ anns an leann-loisgte, a bheirtheir do na mucaibh. Cha ’n fhearr fion no portair. Tha cor moran sheoladairean agus dhaoin’ eile a leig dhiu deoch laidir gu tur, a dearbhadh gur ro mhearachd barail nan daoine a tha smuaineachadh gu ’m bheil alcohol a neartachadh neach; oir tha iad uile ag radh gum bheil iad ni’s treise ’s ni’s cruadalaiche, agus ni’s murraich air mòran obair a chur troi laimh na bha iad an uair a bha iad ag òl a bheag no mhor dhi. Tha mile mhiltean punnd Sasonnach leth-cheud uair thairis air a chosdadh gach bliadhna ’s na rioghachdaibh so air deoch laidir, suim, a chumadh suas na bheil de shluagh an Albainn car thri bliadhna. Chuireadh na thatar a’ cur a h-aithne dh’ eorna am Breatunn comhdach, slat air dhoimhnead, air rathad mòr, coig slat air leud agus da cheud agus sea mile deug air fad. Tha deoch laidir a toirt moran tuille call air an rioghachd na tha ’n stuth a cosdadh oir tha i toirt moran dhaoine gu bochdainn a’s laigse, a tha ’n sin a tighinn beo air daoin eile, agus tha na miltean a tha i toirt gu cionta nan eallaich air an duthaich, ai dhoigh no doigh. ’S i ’s aobhar air moran de na losgachaibh caillteach a tha tachairt tric air feadh na rioghachd, agus air iomadh long-bhriseadh, far am bheil moran bathair air a chall an cònaidh, agus iomad uair beatha dhaoine. A bharr air a so, tha i tarruinn air dhaoine moran ghalaran agus chuisean lagha, a tha mar an ceudna a cosd ro mhoran airgid. Math a dh’ fheudte gun abair thu gu’m bheil leighean gu tric ag comhairleachadh do dhaoine deoch laidir a ghabhail, air son feum an slàinte. Ach tha mise ag radh riutsa gum bheil leighean mar so a toirt iomad neach gu dubh mhisg. Cha bu choir dhaibh so a chomhairleachadh uair air bith oir cluinn ciod a thubhairt Johnson, leigh ainmeil an Lunnuinn. “Tha mise ag radh gum bheil iad (’s e sin deochan laidir) anns gach cuis cronail mar dheoch, agus nach eil feum orra mar leigheas, a cheann gum bheil stuthan eile againn a ni an gnothach a cheart cho math, mur dean ni ’s fhearr.” Ach tha leighean ’g a thoirt do shluagh euslan iomad uair, cheann gu ’m bheil iad furasd am faotainn, agus taitneach do ’n ghoile a thug iad fo ’n leigh. Thachair do mhoran de leighibh mu alcohol mar a thachair dhaibh o chionn fada mu lotaibh. Bha a chleachda aca olla goileach a thaomadh orra agus theireadh iad nach gabhadh lot leigheas ceart gun so. Thachair do Fhrangach do ’m b’ ainm Paré aon uair nach b’ urrainn da olla fhaotainn; agus mar sin fhuair e doigh air lotan a leigheas ni ’b fhearr gun olla idir. ’S e thubhairt leigh Gallda ri brathair-ceird da an Dun-eidin: “Cha bu choir dhut a bhi cho dian an aghaidh dibhe, oir ’s ann orra a tha sinn a deanamh moran de ’r cosnaidh.” Tha so a leigeadh ris aon aobhar air son cuid de leighibh a bhi air taobh an òil. Tha cuid de na leighibh a’s fhearr an Dun-eidin ’s an Lunnuinn air leigeadh dhiù bhi ’g orduchadh dibhe an cuis air bith. Ma bha daoine a faotainn a chuid a b’ fhearr de na h-eugailibh air son an robh na Gaidheil a toirt uisgebeatha dhaibh, ’s ann a dhaindeoin air an leigheas mar bu trice, ’s cha b’ann le chònadh, mar a chi neach air bith a smuainicheas air buaidhibh alcohol. Cha ’n ann air pearsa agus air sporan duine a mhain a tha deoch laidir a drughadh: tha i milleadh a chinn agus a chridhe cuideachd. Tha mheamhair a failneachadh, agus an t.uigse air a h-anfhannachadh ’s air a dalladh; agus tha an cridhe a fas fuar gun fhaireachdainn. Tha gach aon duine a bha riamh trom air an deoch ’na dhearbhadh air a so. Tha iad a fas clannail gun seagh, gun fhirinn, gun onair; agus ma gheobh iadsa pailteas dibhe ’s coma leotha ged rachadh an saoghal a dhìth. Nach uamhasach an sealladh duine tapaidh, gasda, teobh-chridheach fhaicinn air a thoirt chum na staid so! Ach ma a dh’ fheudte gun abair thu—“O, ’sann bho anameasarrachd tha so uile a tighinn; nam fanadh daoine air cuimse, cha bhiodh ni am mearachd.” ’S ann an so agus earail a ghabhadh toirt dhaibh, thainig an latha ’s an robh milltean diu nan dubh a tha chealgaireach dair am bheil Solamh a labhairt. Mur blaiseadh daoine boinne idir, tha e soilleir ri fhaicinn gun rachadh a mhisg agus gach diubhal a tha ’na lorg air chul a dh’ aona bheum. Ach ged a bha an langan so, fanaibh air cumse, an cluasaibh dhaoine bho cheann còr a’s da mhile bliadhna bha a mhisg a sior neartachadh gus an do theann sluagh ri leigeil dhiu a bhi ’ga bhlas. Bha gach neach lan dearbhte nach d’ tigeadh an latha ’s am bitheadh esa na mhisgeir; ach a dhaindeoin gach comhairle mhisgeirean. Tha e furasd fhaicinn car son a bha na comhairlean ud gun fheum. “Fanaibh aig cuimse,” ars iadsa; ach cha d’ innis iad daibh ciod e cuimse, oir cha b’ urrainn daibh; cha robh dhaibh tomhas sonraichte ainmeachadh; oir cuiridh tomhais nach aithnich fear aige misg air fear eile; agus cha ’n e tomhas a chuireadh misg air fear an uiridh a chuireas misg air am bliadhna. Cha mhugha b’ urrainn daibh a radh, mar a dh’ fhaodas iad a radh a thaobh biadh a’s deoch, iad a ghabhail gus nach bitheadh deigh aca air tuille; oir mar is mugha a dh’ òlas neach ’s ann is mugha a dheigh air tuille. Cha robh math a radh iad a dh’òl gus am faireadh iad an cinn a fàs aotrom; oir air cheann sin bitheadh daorach bheag orra. Ach ’s ni faoin a bhi a bruidhinn air cuimse an leithid so de chuis. Se cuimse, gu leor de ni feumail. Cha ’n urrainn cuimse a bhi an nithe cronail. B’ amaideach do neach a radh nach robh eucoir cronail nam fanadh daoine air cuimse; agus tha e cheart cho amaideach a bhi ’gradh nach eil cron an deoch laidir ma dh’fhanas daoine air cuimse, nuair a tha i deanamh cron air cho beag ’s gan olthar dhi. ’S ann o bhi ’g òl beagan an dràst ’sa rithist a thainig gach misgeir a bha riamh air an talamh gu fas deidheil air an deoch, agus gu bhi ’g ol moran. Cha chualas iomradh air neach riamh a thainig gu bhi na mhisgear a dh’ aona bheum. On a tha nadur an duine agus buadhan na dibhe direach mar a bha iad, an ni a bha ’se a bhìtheas. Fhad ’sa bhios daoine ’ga bhlasad, thig moran diu gu bhi nam misgeiribh. Tha gach neach deas air a bhi ’n duil gun teid esa as, on a chaidh daoine eil’ as: ach beachdaicheadh e air a chuis gu geur, gun chlaon-bhreith, agus chi e nach eil dearbhadh air bith aige nach bi e air aon de ’n dream air an toir an dibhe buaidh. ’S e thug air moran fas trom air an òl gun robh iad am barail nach tigeadh an latha a thig iadsa gu bhi mar so. Tha duine cinnteach nach ionnsaich e’n t-òl fhad ’s nach blais e boinne, ach ma tha e ’ga bhlasadh cha’n urrainn da bhi cinnteach. Cha ruig mise leas ni a radh mu ’n dòigh anns a bheil daoine carach mealladh dhaoine eile troi mheadhon deoch laidir, agus a faotainn uapa brath air iomad ni nach bu choir dhaibh innseadh; oir cha ’n eil moran aig nach eil fhios air a so a cheana. Na biodh daoine a smuaineachadh nach dean dibhe coire dhaibh mur òil iad uair air bith gus am bi an dall daoirich orra: oir tha daoine foghluimte ag innseadh gu sònraichte gum bheil a bhi ’g a bhlas tric ni ’s miosa na bhi ’g òl moran corr uair, agus gur luaithe bheir e bas duine a tha ’g òl beagan gach latha na bas fir a dh’òlas aon, uair sa mhios gus a bheil e call a bheachd agus lus nan cas. Chunnacas daoine do’n do thog a bhlaisemeineachd so an galair ris an abair leighean ’sa Bheurla delirium tremens, no am boile critheanach eucail sgàthach, nach [TD 63] [Vol. 5. No. 9. p. 7] fhacas riamh-air neach a bha seachnach air deoch. Dh’ innis mi dhuit gun oibrich sugh mheasan nuair a dh’ fhagthar iad sgaoilte fo ’n aile. ’S ann mar so a reir coltais, a fhuaras a mach deoch laidir an toiseach. Nuair a thug Noah an sugh as na fion-dhearcaibh, chaidh leigeil leis seasamh an saothach fosgailte; agus mar sin dh’ oibrich e. Nuair a dh’ òl ’se dheth, thug e ’n aire gu ’n d’ fhas e beothail ’na dheighe: agus mar sin mheallthar e, mar a mhealltharcho lion mile d’ a shliochd ’na dheighe. Shaoil daoine nach deanadh e coire air bith mur oileadh iad gus am bitheadh iad air mhisg; oir nuair nach oladh iad ach beagan cha robh an t-olc cho mor na cho soilleir; agus tha daoine deas air a bhi leigeil as am beachd nan dubhailcean a tha tighinn an lorg ni a tha toirt toileachadh dhaibh aig an àm; agus mar sin lean daoine air a bhi ’g òl alcohol gus an latha an diugh. Cha robh eolas aig daoine air stuithibh tarruingte mar uisge-beatha gu naoi ceud bliadhna an deigh teachd ar Slanuighear. Mu ’n am sin bha daoine am barail gun gabhadh stuth fhaotainn a theanndadh gach ni gu-hòr; agus uime sin smuainich ollamh Arabach gum feuchadh e ri fion a tharruinn gun fhios nach fodhnadh an stuth a thigeadh as; oir bha iad eolach air tarruinn roimhe so agus bha fios aca gun robh an stuth tarruingte mòran ni bu treise na an stuth as an d’ thainig e. Rinn e sud, agus ’s ann mar sin a fhuaras a mach branndi no uisge beatha an toiseach. Cha deanadh e airgiod no òr de ni a chiuthrear ann; ach bha e moran ni bu treise gu daoine a bheothachadh na fion. ’S ann air son so a thugadh uisge beatha mar ainm air—ach ’se uisge báis ainm bu fhreagarraiche gu mor. Chaidh buaidhean an stutha a mholadh thar tomhas; cha mhor nach tugadh e beo na marbh, a reir na h-aithris. Bha daoine ’s an àm sin ro aineolach, agus deas gu bhi creidsinn gach ni a dh’ innsear dhaibh, a bha idir dealbhach, gun a bhi ’g iarraidh dearbhadh pongail gun robh e fior; agus mar sin chreid iad gu ’m bu leaghas ro fheumail alcohol. Ach ’sann mar leigtheas a mhain a ghnathaichthear e car sheachd ceud bliadhna, agus cha robh e ri fhaotainn ach am buthaibh nan leigheas-reiceadairean. Ach chomharraich cuid de na h-Arabaich mar a chuireadh branndi daoine air bhoile car seal; agus uime sin thug iad alcohol no al goril mar ainm air, ’se sin, air eadar-theangachadh, an droch spiorad, agus lean an t-ainm sin ris gus an latha ’n diugh. Fhuaras a mach a rithist gu ’m faidhtear stuth co-ionnan a leann no ni air bith mar sin; agus their na Gaidheil amse uisge-beatha ris an stuth a gheobhair a leann bracha. Bho cheann còrr us da cheud bliadhna thoisich cuid ri smuaineachadh gur cinnteach gun robh e feumail do dhaoine slainnteach, cho math ’s do dhaoine tinn, ged a tha dearbh fhios aig gach leigh gum bheil gach leigheas cronail do dhaoine slainnteach; agus mar sin, uidh air ’n uidhe, thainig daoine gu bhi ’g a òl air gach tachartas. P. MAC GRIOGAIR. Tha’n Ti Uile-chmhachdach sin aig am bheil uachdaranachd os ceann nan uile, ’ga dheanamh fein ’na sheirbhiseach dhoibhsan a’s ìllse agus a’s lugha de na creutairibh aige fein. Am bu chòir do’n chinne-daoine, uime sin, a bhi co uaimhreach agus co àrd-inntinneach, is nach dean iad cuideachadh le aon a, chéile? Am bu choir doibh tair a dheanamh air an dleasnas sin trid an compairtich iad an cumhachd, an treòir, agus an co’-fhulangas fein riùsan a’s lugha agus a’s sùaraiche dhe’n co’-chréutairibh fein? Ma bhios an nàdur so ann an aon ’nar measgne, nach tur suarach e ann an sùilibh an Ti Bheanaichte sin. d’am bheil cunntas aig gach neach ri thabhairt suas. Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan, Curraichdean, Leintean agus Brogan, aig D. J. Domhnullach. Tha a phris iseal, ’s tha gach ni a gheibh thu aige math. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 64] [Vol. 5. No. 9. p. 8] Oran do Thobar an Traigh Loch Eridol. LE MAIRI NIC-EALAIR. Ciod a chuir thu, Thobair fhior-uisg’, Dh’iarraidh anns an tràigh do chuaich’, Far nach tig an t-eun a dh’òl dhiot, ’S nach cinn feoirnein air do bhruaich? Gur milis ’s gur grinn thu Fhuarain, ’S air leam fheìn gur cruaidh do dhàn, Am folach am broileach na mara, Fhad ’s a mhaireas am muir-làn. B’ fhearr leam d’fhaicinn anns an fhireach, No an innis gharbh nan craobh, Far an òilt’ thu moch us feasgar, Leis an Eilid is a laogh. Far an tigeadh an Damh cabrach, O ’leabaidh ’s a chreachunn fhuar, ’Dh’òl gu deòthasach de ’n fhior-uisg, ’Rinn fhalluinn co sgiamhach tuar. Far an iarrt’ thu leis an t-sealgair, Sgith ’s an anmoch tighinn o’n bheinn, ’S ’n uair a dh’òladh e a leòir dhiot, Cha lùbadh é ’m feoirnoin fò ’bhuinn. Far an tigeadh eoin a’ bigil, ’Fhliuchadh ribhead nam ponc binn, Seal mu’n dùisgeadh iàd a choille, Le coireall nan laoidhean grinn. Far ’m bu mhiann le maighdinn bhòidhich, ’Bhi cumail na còmhdhail àigh, G eisdeachd as ùr cliu na maise, ’Chuir lasadh an cridh’ a gràidh: I ’goid seallaidh tric a’ d’ sgàthan, De ’n àilleachd mu’n d’rinn e sgéul, ’S ’n uair a chromadh i a dh’ òl diot, E ’maoidheadh dhut pòig o ’béul, B’annsa leam an sud thu, Thobair, Na ’bhi feadh nan clachan garbh. ’Dòrtadh do shruthanan soilleir Am broilleach nan tonnan searbh; ’Dortadh d’ fhior-uisge gu diomhain, ’S ged dh’fhiachadh tu gu La-Luain, Cha dean thu ’n cladach na’s grinne, ’S cha dean thu milis an Cuan. FREAGAIRT AN TOBAIR. Ciod a chuir thu, ’bhean, ’g am chumha Ged is garbh ’s is dubh mo chuach, Ged nach e grinneal is grunnd dhomh, ’S nach cinn flùran air mo bhruaich. Tha mi anns an traigh cho suaimhneach, Ag éisdeachd ri nuallan nan tonn, ’S ged bu cheol dhomh na h-àrd langain Aig leannan nan aighean donn. Cha ’n eil grinneas na mna-uaisle Ceangailte ri luach a séud, ’S ged bhios riomhadh daor mu’n fhiodhuill, Cha dean sud na’s binn’ an téud. ’S ged bhiodh ròsan, feur, us biolair, Mu m’ bhile ’s an aonach àrd, ’Se na b’fheairrd ni fhein sud agam, ’Bhi maiseach an sealladh Bàird’, ’S ioma bean tha’m bothan brònach, Aig a’ bheil sòlas ’n a crann, Nach eil aig bain-tighearna mhòrail, Aig am bheil an t-òr neo ghann. ’S ioma bean a tha mar mise, A dòrtadh ionmhas a gaoil Far nach faigh i meas no pris air, Gus an ruig i crioch a saoghail. ’S ged tha mise leth mo latha ’M folach am broilleach an loch, Eadar tràghadh agus lionadh Bheir mi do ’n iotmhor a dheoch. ’S ged nach tig a ghreadhan uallach, Dh’ iarraidh fuarain feadh nan clach, ’S tric ag òl dhe’m shruthain fhior-uisg An eala, an gèadh, us an lach. ’S ged bhithinn gu flurach ’s na tolmain, No an innis ghuirm na tùs,, Cha deanadh tu fhein dhomh òran, ’S cha’n fhaiceadh tu boidhchead nam ghnuis. Cha dean mì ’n cladach na’s grinne, ’S ris a chuan cha bhi mi ’stri, Ach bheir mi mo shruthan gu milis Do ’n àite anns na chuireadh mi. St. Petersburg, a’s t-fhoghar, 1875. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. SANAS. Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air pris iseil, rach a choimhead air D. J. DOMHNULLACH D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram,tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co Mai 4. ’95; CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. [TD 65] [Vol. 5. No. 10. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 5, 1896. No. 10 TURAS A’ MHARAICHE. LE EOBHAN MAC LAOMUINN, M. A., D. D. CAIB. VIII. Aig ceann seachd laithean, bha Timoteus ri faire, agus shaoil leis gu’m fac’ e neul mar gu’m biodh lamh duine; ach mheudaich an dorchadas, agus cha b’ urrainn dha bhi cinnteach. Air meadhon oidhche fhuasgail Deagh Mhisneach air. Chomharraich Timoteus ris an àirde tuath an àm dol sios fo chlar, agus thuirt e, “Tha eagal orm gu bheil nàmhaid mu ’n cuairt.” Sheinn Deagh Mhisneach a mach, “Tha gach ni gu math,”agus lean e air seinn salm naomha ri port Babilonach. Mhair e air so gus an do chail e. Bheothaich a’ ghaoth. Thainig Cuilc Bhruite a nuas, oir cha b’ urrainn da cadal do bhrigh bhi caithris Glùinean laga; dh’ amhairc e mach, agus bha ioghnadh air a bhi faicinn Déagh Mhisneach ’na chadal an àite bhi coiseachd na faire aige. Chrath e na dhùisg e, agus chomharraich e mach mar gu ’m be soitheach a’ deanamh g’ an ionnsuidh. Thog an dithis dhaoine iolach, agus a thiotadh bha na seòladairean uile air bòrd. Air do Chriosdaidh an glaodh a chluinntinn, thainig e nuas. Bha tuisge aig an stiùir agus dh’ earb e ri fear na caithris rabhadh a thoirt da. Mu ’n d’ fhuair iad car mu ’n cuairt, bhuail soitheach mòr Sgeul-a-mhor-aoibhneis, gus ’n do chriothnaich i bho ’toiseach gu deireadh. Dh’ fhàilnich cridhe Chriosduidh ’nuair a chunnaic iad bratach dhubh le ceann bàis. Bha e an làmhan spùineadairean, agus sin ’nuair nach robh e uidheamaichte air an son. Bha na h-uisgeachan ciùin air tionndadh gu bhi ’nan uisgeachan còmhstri. Ghlaodh na maraichean fo chlisgeadh, agus scriach na spùineadairean le glaodh na muinntir a choisneas buaidh. B’e ainm an t-soithich “Sgrios-obann,” fo chùram a Phrionnsa Dhuibh, a sheas a séideadh bagraidh, agus air an aghaidh na seòladairean. An sin ghlaodh Dearsair, a bha gealtach, “Tha ’n soitheach a’ dol fodha;” agus ruith e na dheann a dh’ ionnsuidh a Gheallaidh. Lean Deagh ’Mhisneach e, ach phut Eudmhor a thaobh iad. Thuit slat air bòrd agus cha mhor nach do bhuail i air Criasduidh, a rinn osna na spiorad, agus bha e ’ga dhiteadh féin a thaobh gach olc a dh’éirich dhaibh, ach chuimhnich e gu ’n tubhair Imanuil, “Feuch tha mise maille ruibh a gnnàth,” agus a’ glacadh misnich, ghairm e air na maraichean ard a iad a chòmhraig deagh chòmhraig a’ chreidimh. Rinn Sgrios-obann leum air ais nuair bhuail i bhuille, agus dh’ fheith i ri dol fodhr Sgeul-a-mhor-aoibhneas. Ach fhuair Timoteul a mach an aoideil, chuir e stad air le seòladh Tuigse, agus thainig e air bòrd le gnùis phlathail, ag radh, “Cha d’ éirich dochann air bith do ’n t-soithich.” Litir a Ontario. Tha ’n samhradh seachad, agus tha ’m foghradh reidh, ’s cha ’n fhada gus am bi stoirmeannan a’ gheamhraidh a’ teachd dlùth oirnn. An àite bhi gearain air an teas a bh’ ann ’s an t-samhradh, bithidh sinn an ùine gun bhi fada ’gearain air an fhuachd. Tha ’n aimsir mu ’n àm so de ’n bhliadhna cosmhuil ri duine bha ’na làn neart o chionn bheagan bhliadhnaichean, ach a tha nise ’dol air ais beag air bheag gus an tig fogharadh fuar na h-aois air, an deigh liath-reothaidhean an t-samhraidh a chur seachad. ’Nuair a sheallas sinn air ais agus a smaoinicheas sinn air na chaidh seachad d’ ar beatha, saoilidh sinn nach eil ann ach bruadar, a chunnaic sinn air an oidhche ’n raoir. Tha ’n ùine coimhead cho goirid leinn o’n bha sinn ’nar cloinn bhig ’s gun gann is urrainn duinn a thoirt oirnn fein a’ chreidsinn gu bheil ar beatha nis air dol thar a mheadhon-latha, oir tha lamh uaireadair na beatha aig cuid againn air dol gu math seachad air an da uair dheug. Seallamaid romhainn da fhichead no leth-cheud bliadhna, agus saoilidh sinn gar e ùine uamhasach fhada th’ ann, agus their sinn, “Cò chi an la ud?” Am bheil duine ann air an latha an diugh a tha nise na làn neart, a chi a’ bhliadhna 1936 no 1946? Cha ’n eil iad ach beag ann an àireamh a chi na bliadhnaichean sid. Tha do nàdur ann am mac an duine na ’s math leis a bhi daonan ’ga dheanamh féin na ’s òige na tha e. Cha smaoinich sinn gu bheil sinn sean gus an cluinn sinn an òigridh ag radh ri chéile nuair a bhios sinn faisg oirra, “Sud agad seann Domhnull, no seann Alasdair mac Dhomhnuill Ic Iain: nach e tha ’fàs liath, agus tha e cosg ghloinneachan!” Nach e sud a bheir a nuas mar a their iad anns a Bheurla, ar dignity; a bhi cluinntinn òigridh gun mhodh ag radh seann daoine rinn. Ach feumaidh sinn aideachadh gur e ’n fhirinn a th’ ann, agus mur aidich, fairichidh sinn e. Chi mi mòran de ’n òigridh a tha beò an diugh, agus tha iad liath mu ’n ruig iad còig bliadhna fichead. Tha e ’na fhasan aig gillean òga nise bhi ’gam bearradh féin gach seachdain; cha leig iad le ’n ciabhan fas idir, agus an ùine bhig bidh iad cho liath ri seann daoine. Tha e na ’s bòidhche gu mor ciabhan fada liatha fhaicinn air duine, na ceann làn fhriodhan. Cha dean math dhomh an còrr a radh mu’n chùis so, oir tha eagal orm ma thòisicheas mi gu ’n abair mi tuilleadh ’sa chòir. Cha ’n eil an gràn cho math ’sa bha sinn a smaoineachadh a bhitheadh e mu ’n deach a bhuain. Bhuail a mheirg e gu dona, agus leis a’ sin bidh an siol gu math aotrom. Bha reothadh mor againn air oidhche an ochdamh latha deug dhe ’n mhios so. Dhubh e bàrr a bhuntata ann an àiteachan, agus measan gàraidh, ach cha ’n eil aobhar a bhi gearan againn. Chunna mi gu bheil am “Peutannach” math air òrduighean a thoirt seachad, ach b’ fhearr dha gu mòr a litrichean féin a dheanamh na b’ fhaida, no iad a bhi tighinn na bu trice. Cha b’ fhearrd iad uile bhi cho goirid ris an te mu dheireadh sgriobh e, ged a bha i glé mhath na bh’ ann dhith. Dean mar a ni mise, ’dhuine chòir; mur eil ùine agad air sgriobhadh, thoir as do chadal e? Bha mi leughadh na sgeulachdan gasda bh’ anns a MHAC-TALLA mu dheireadh, agus gu cinnteach chòrd iad rium. An ath uair a sgriobhas mi, tha mi dol a thoirt oidhirp air iomradh a thoirt air cleachdaidhean nan Gaidheil, math us dona; tha da thaobh air a’ mhaoil; bha cleachdaidhean math us dona gu leòr aca, na daoine còire. Tha eagal orm gun do sgriobh mi mo litir tuilleadh us fada, ach feuch ri rum a thoirt dhi uile, agus bheir mi taing dhuit air a shon. Tha mi nise ’dol a sgur. Slan leibh ma ta gus an cluinn sibh bhuam a rithist. Is mi ur caraid, Iain Mac Illeasbuig. Priceville, Ont., 28, 8, ’96. Tomhaisidh Morair Salisbury, Priomhair Bhreatuinn, mu dha cheud gu leth pùnnd. Cha tomhais Mr. Gladstone ach gann sia fichead pùnnd. Cha ’n i bhodhaig a dh’ fheumas a bhi mor no cudthromach air son duine dheanamh tapaidh, ach an eanchainn, agus ma bhios an eanchainn gu math, ’s coma co-dhiu bhios a bhodhaig mor, trom, no beag, aotrom, bidh an gliocas ’s an tapachd ann. [TD 66] [Vol. 5. No. 10. p. 2] COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—“Ceud mile failt air Fear a’ Ghoirtein Fhraoich! Bha mi direach a smuaineachadh ort, agus ag radh ri m’ a’ mhnaoi gu’n do thilg Coinneach Ciobair clach oirnne.” COIN.—“Ma thilg, a Mhurachaidh, bithidh a’ chlach sin cosmhuil ri cronachadh an fhirein oir cha bhris i do cheann.” M.—“Tha mi ’creidsinn nach bris’ agus cha bhiodh duil agam gu’m briseadh. Ach, a charaid, tilg dhiot an cota-mor sin, oir tha e mu’s trom r’a ghiulan leis an aimsir bhlath so.” C.—“Nach cual thu riamh, a ghraidh nam fear, an sean-fhacal a deir:— Cha truimeid a’ chaor’ a falluing, Cha truimeid an t-each an t-srian, Cha truimeid an loch an lach, ’S cha truimeid a’ choluinn ciall?” M.—“Tha thu geur-chaìnnteach an diugh, a Choinnich, ach dean suidh, agus faigheamaid do naigheachd.” C.—“Is maith an uaigheachd a bhi gun naigheachd idir; ach, cha’n ann a chur casg air do chainnt, ciod an leabhar boidheach a th’agad an sin, a Mhurachaidh? Is maiseach a cheangladh e gun teagamh. Is geal gach nobha gu ruig snothach an fhearna.” M.—“Ma ta a Choinnich, tha leabhar agam an so a fhuair Seonaid bheag mar dhuais-foghluim ’s an sgoil, eadhon bardachd Roibert Burns, agus cha dheanadh tusa sgillinn dheth, a thaobh canain nan Dubh-Ghall anns am bheil e air a chur a mach. Bha mi direach a leughadh an duain aig Burns mu Thomi a’ Shanter, agus is miorbhuileach a chuireadh r’a cheile i. Is gasda a chordas i riutsa, a Choinnich, do bhrigh gu’m bheil i a’ toirt iomradh air do chairdibh na buidsichean agus na sithichean.” C.—“Nach toir thu dhomh ’s a Ghailig e, a Mhurachaidh, oir bu cheart co maith dhuit a thoirt dhomhsa ’sa Ghreugais, ri thoirt dhomh ’sa chainnt neonaich sin.” M.—“Ni mise mo dhichioll, ma ta, a Chonnich, agus cha mhor nach biodh e co furasd teadhair a dheanamh as na sligibh-bairneach, ris an duan sin eadar-theangachadh, ach bheir mise deuchainn dha, agus cha’n iarrair air duine dona ach a dhichioll. Eisd, ma ta ris an duan aig. TOMI A’ SHANTER. “An uair a dhunar na bùthan, agus a dh’ fhàgas ballaich nan ceannaichean na sràidean; an uair a chomhlaicheas coimhearsnaich pòit-chiocrach a chéile; an uair a chromas an t-anmoch air laithibh-feille, agus a thòisicheas muinntir air an t-slighe a ghabhail dachaidh; an uair a tha sinn ’nar suidh ag òl ar druthaig, agus a’ fas blath agus anabarrach sogannach, cha’n eil aon smuin ’n ar cridhe mu na mithibh fada Albannach, no mu gach cathar agus slochd, gach stuadh agus stac, a ta eadar sinn agus ar dachaidh, far am bheil ar cailleachan gu dur, dranndanach ’nan suidh ann am feirg, agus a’ teannachadh an cnuaichdean mar anradh a’ fas ann an gairge, ag altrum an corruich chum a chumail dian. Fhuair Tomi a’ Shanter, an duine coir, an fhirinn so a mach ’n am da a bhi ’marcachd air oidhche araidh à Ionar-Air, (seann Air, baille air nach d’ thugadh barrachd riamh a thaobh a chuid daoine ionraic, agus a chuid oighean maiseach!) O Thomi, gu’n robh thu co glic agus comhairle Ceite do bhean fein a ghabhail! Leig i ris duit gu’n mhearachd nach robh annad ach trusdar salach gu’n diu,—gleosgair bruidhneach, goileamach, misgeach;—nach robh thu fein aon la feille o gheamhradh gu foghar measorra no stolda! Cha do chuir am muillear lamh air molltair, nach do shuidh thu maille ris fhad ’sa bha sgillinn ruadh na d’ sporran. Cha do chuireadh teann air gearran gu’n daoraich a bhi marron air a’ ghobha agus ort fein. Air an t-Sabaid Naoimh, agus am fochair na h-eaglaise, bu ghnath leat a bhi ’g òl maile ri Sine a’ Chlachain gu moch Di-luain! Uime sin, chuir i air mhanadh gu’m biodh tu air t-fhaotuinn air do bhàthadh luath no mall, ann an sruthaibh domhainn na h-aibhne Doon, no air do ghlacadh anns an duibhre leis na sithichibh am fagus do sheann eaglais thathaichte Allobhaidh! Och! a mhnathan suairce! bheir e sileadh nan deur orm a bhi smuaineachadh cia lion comhairle thaitneach, agus cia h-iomadh rabhadh seasmhach a thugadh le mo mhnaoi, ach air an d’rinneadh tàir leamsa a companach! Ach chum ar sgeoil.—Air feasgar araidh féille, bha Tomi gu stòlta ’na shuidh ri taobh na cagailte far an robh gealbhan-teine a’ brasladh, agus maille ris na pòitearan druaiheach, a bha ’g òl gu cothromach gloin’ air gloine. Aig uilenn Thomi bha Seocan-Greasuiche na shuidh air caithir, mar an seann fhear-ruin dileas, iotmhor aige féin. Ghradhaich Tomi e mar fhior bhrathair caidreach, air doibh a bhi cuideachd re iomadh seachdain fo’n daoraich. Bhras-shiubhail an oidhche le h-oraanaibh agus gleadhraich gu’n choimeas,—agus bha an leann a’ sìr dhol am feabhas! Bha a bhean-osda agus Tomi a fas ro shuairc r’a cheile le comanaibh uaigneach agus fior-thaitneach. Dh’ aithris Seocan-Griasaiche gach sgeul a b’ iongantaiche na chéile, agus bha gàire mor an fhir-òsda mar chomh-sheirm do’n dluth-chòmhradh. Séideadh an doinionn o’n taobh a mach le buraich eagallaich, ach cha bu mho air Tomi an doinionn ’as fead. Iomaguin! air di a bhi air bhol le bhi ’faicinn neach co sonna, chaidhh i agua bhàth i i-fein anns na tuiltibh leanna! Mar a ghreasas na seileanan dhachaidh le luchdaibh stòrais, mar sin theich na mionaidean mar air sgiathamh le toil-inntinn. Feudaidh righrean a bhi air am beannachadh, ach bha Tomi moralach, air da buaidh a thoirt air uile thruaighibh na beaeha a ta làthair! Ach tha toilinntinnean mar chrom-lusan air an sgaoileadh a mach. Ni thu greim air a ghucaig, ach tha am blath air a sgapadh! Air neo direach cosmhuil ri cloinneagaibh sneachda a’ tuiteam air an uisge; tha iad geal re sealain, ach air ball leaghaidh iad as an t-sealladh, agus cha’n fhaicear iad tuilleadh ni’s mò;—air neo cosmhuil ris na firchlis a ghrad-theicheas air falbh mu’n comharaich sibh a mach an t-ionad anns an robh iad;—air neo cosmhuil ris a bhogha-fhrois a shiubhlas air falbh ann am meadhon an ànraidh. Cha bheo e a chuireas cuibhreach air uine no air seol-mara. Ach tha’n uair air teachd anns am feum Tomi dol air mu’n eich,—an uair sin a ta mar chlach-ghlasaidh do dhruim-bogha dhoilleir na h-oidhche,—anns a’ cheart uair thiamhaidh sin leum e air druim a chapuill fein,—agus ann an leithid de dh’ oidhche ’s air an do ghabh e an t-slighe, cha deachaidh peacach bochd, truagh riamh a mach! Sheid a’ ghaoth mar nach seideadh i tuilleadh! Dh’eirich na frasa torghanach air sgiathaibh na sine! Shluig an tiugh-dhorchadas suas na grad-bhoisgean teine ’sna speuraibh; agus bha’n tairneanach a’ bùirich le langanaich aird, fhad agus fhuaimneach! Dh’ fheudadh leanabh a thuigsinn air an oidhche sin, gu’n robh gnothuch aig an Droch-Fhear os laimh! Air do Thomi a bhi gu daingean na shuidh ’san diollaid air muin Maggai a’ chapuill ghlas fein,—agus capull ni b’fhearr cha do thog riamh cas,—ghrad ghluais e air adhart roimh chlabar agus lathaich, gun suim sam bith do’n ghaoith, do’n fhuaim, do’n uisge, na do’n teine,—an traths’ a deanamh greim air a dheagh bhonait ghuirm fein, agus a ris a’ seinn seann dhuanaig Albannaich. A ris, bhiodh a shuilean a’ sgeannadh ’na cheann, a’ sealltuinn gu curamach mu’n cuairt da, air eagal gu’n deanadh na bocain greim air. Bha Eaglais Allobhaidh a tarruing am fagus, far an robh taibhsean agus cailleachan-oidhche a’ sgreadail ’s an dorchadas. Fhuair e nis a null thar an àthan far an do mhùchadh an ceannaiche ’san t-sneachda. Chaidh e seachad air na craobhaibh beithe, agus air a chloich mhoir far an do bhris Tearlach misgeach cnaimh na h-amhaich aige fein, agus chaidh e troimh ’n chonasg, agus seachad air a’ charn far an an d’ fhuair na sealcairean an leanabh a mhortadh, agus am fagus do’n droighnich os ceann an tobair far an do chroch mathair Mhungo i fein. Air thoiseach air tha Doon, a’ taomadh a tuiltean a mach,—tha’n doinnean bhuaireasach a’ beucaich troimh na coilltean, agus tha na dealanaich a’ clis-bhoisgeadh o dheas gu tuath! Ni’s faisge agus ni’s faisge tha na tairneanaich a’ bùirich; agus gu fann troimh na craob a acainneach chithear [TD 67] [Vol. 5. No. 10. p. 3] Eaglais Allobhaidh gu lasarach mar gu’m biodh i ’na teine! Bha na sailean aice a’ gliosgadh troimh gach fosgladh, agus chualas ’san am gleadhraich sùgraidh agus dannsa a fuaimeadh gu mor! Och! Iain-a’-Ghrainein-Eorna! thusa a dheachdas gu dan! Ciod na cunnartan a bheir thu oirnn, ach cunnartan a chuir sinn air dimeas! Cha’n eil eagal uilc air hith oirnne le deoch an da sgillinn, ach le “Mac na bracha” bheir sinn aghaidh air an Daoch-fheae fein! Bha na boinnean-dibhe a’ cur a’ leithid de bhuareas ann an eanchainn Thomi, air chor ’s le ceartas fhaotuinn, nach biodh an curam ni’s lugh air roimh an deamhain fein! Ach sheas Maggai, air a bualadh le h-eagal, gus an do smachdaicheadh i le sàil a’s laimh; dhuraig i an sin dol gu mall air a h-aghaidh chum an t-soluis. Agus O! Feuch! chunnaic Tomi sealladh miorbhaileach! Chunnaic e sithichean agus buidsicheàn a’ dian-chur ris an dannsa! Cha b’e leumartaich chiuin, reidh, a nall as an Fhraing a bha’n sin, ach cascheuman ealamh,—grad-stapan gearra,—strath-speidhean, agus ruidhlean cridheil, leis an do chuireadh beothalas agus smioralachd ’nan sailtìbh gu leir! Air an taobh-near bha dall-uinneag dhorch, far an robh an t-Aibhistear nor fein ’na shuidh ann an riochd beathaich fiadhaich. Bha e ’na gharrach dudach, dubh, gruamach, agus mor. B’e a’ ghnothuch-san aig an am, a bhi ’seinn ciuil dhoibh. Uime sin, theann-ghleus e a’ phiob, agus thug i sgread aisde a chuir mullach agus sailthean an tighe air chrith. Bha cisteachan-laidhe ’nan seasamh ceithir-thimchiol mar phris no corn-chlaran fosgailte, a bha nochdadh nam marbh ’nan éididhibh deireannach; agus le druidheachd no le cleas-lamhdeamhnach éigin, bha solus laiste ann an laimh fhuair gach aoin diubh, trid an d’ thugadh comas do’n treun-fhear Tòmi, beachd a ghabhail dhe’n bhord air an robh ’nan laidhe cnamhan mortair ann an iaruinnibh na croiche,—leanabanna beaga gu’n bhaisteadh,—da-reis air fad,—meirleach air ùr ghearradh o’n taod, leis na h-ospagaibh deireannach aige fathasd air an dealbhadh air spleuchd a’ chraoise,—cuig tuaghan-catha le dearg-mheirg na fola thairis orra,—cuig crom-chlaidhean carrach le mortadh,—agus moran de nithibh oillteil agus eagalach eile, nach biodh e laghail fiu agus ainmeachadh. An uair a bha Tomi a’ sgeannadh a shuilean, lan uabhainn agus iongantais, dh’ fhas an aighear agus a’ mhire grad agus gleadhrach. Sheid am piobair suas na bu labhra, agus na bu labhra, agus chaidh an luchd-dannsaidh ’nan deannaibh, gach mionaid na’s luaith’ agus na’s luaith’. Ruidhil iad, shuidhich iad, chroisg iad agus chaidh iad an sas na cheile, gus an robh smuid fallais air gach seann chaillich a bha lathair. Mu dheireadh, thilg iad dhiubh an luideagan, agus bhuan-sheas iad ri’n obair ’nan leintibh. A nis, a Thomi, O Thomi! na’m b’ oighean iad sud, agus gach aon diubh sultmhor agus maiseach ’nan oige, le’n leintibh air an deanamh, cha’n ann dhe’n phlaide shalaich bhain, ach de’n t-seachd ceud deuganart, geal mar an sneachd—ciod a theireadh tu riutha sin? Ach an aite sin, bha bansgalan seargta, aosda, agus baoth, le iurgannaibh tanna, cuagach a leumartaich agus a gearradh shurdag, air druim seanna mhart. Och! bu leoir e chum deistinn a chur orm, agus chum mo dheanamh tinn! Ach bha deagh fhios aig Tomi air aon rud agus rud eile, agus bha aon chaile dhreachail, chiatach ’san ruidhtearachd air an oidhche sin, (aig an robh eòlas fad an deigh sin air tir Charric, oir is lionmhor ainmhidh a bhuail i gu bas, agus is iomadh deagh bhàt a chuir i a dhith, agus chrath i moran coirc agus eorna anns gach ait, agus chum i taobh na duthcha air fad fogheilt.) Bha’n leine aice de gharbh lion-anart Phaislidh, a bha i a’ caitheadh an uair a bha i ’na caileig. Ach, och! is beag bha fios aig do sheannamhathair chrabhaich, gum biodh an leine sin a sholair i air son a h-Annaige bige fein, le da phunnd Albannach (a saibhreas gu leir) a b’ urraim air dannsa nam ban-bhuitseach! Ach a nis feumaidh mo cheolraidh an sgiathan fein a bhearradh, oir tha itealachd dhe’n ghne so fad os ceann an cumhachd. Co a sheinneadh mar a bha Annag a slisg ’sa leumadh, (oir bha i ’na baoibh thapaidh, a bha subailt agus treun) agus mar a sheas Tomi mar neach air an d’ rinneadh druidheachd, agus mar shaoil e gu’n robh a shuilean a sealbhachadh tiodhlacan araidh. Spleuchd eadhon Satan fein agus rinn e iomairt le lanthoil, a’ cas-chrathadh agus a’ seideadh suas na piob leis gach cumhachd agus innleachd ’na chomas. Ach mu dheireadh le aon surdaig agus a ris le surdaig eile, chaill Tomi a thoinisg gu buileach, ag eigheach a mach, “Ro mhaith, ro mhaith, a Leine Chutaich!”—agus ann am priabadh na sula bha gach ni dorch. Agus is gann a fhuair e Maggai air a ceartachadh, an uaar a bhruchd a’ bhudheann ifrinneach a mach le dian-chabhaig. Ceart mar a bhriseas na seilleanan a mach ’nan sgaoth, a’ srannail le feirge dhein, an uair a bhios buachaillean gadach a toirt ionsuìdh air an sgeabpaibh;—ceart mar a theicheas a’ mhaigheach bho a naimhdean sgriosach, an uair a chluinneas i sgaile a’ ghunna agus a chlis-leumas i roimh an sron air falbh;—ceart mar a dhian-ruitheas an comhladas sluaigh air an aghaidh air la feile, an uair a ghlaodhar a’m fad ’sam farsuing, “Glac am meirleach,”—ceart mar sin bheir Maggai a casan as, air do na buidsichean a bhi an toir oirre, le iomadh sgreach cianail agus eagallach. Och, a Thomi! mo chreach, a Thomi! gheibh thusa do dhuais. Is ann gu diomhain tha do Cheit a’ fantuinn ri’d theachd. A nis, a Mhaggai, dean gu h-ealamh ma’s uarainn thu, agus ruig clach-ghlasaidh na drochaid. An sin, feudaidh tu t-earball a chrathadh riu gu leir. Cha n eil a chridhe aca dol thairis air sruth is e na ruith. Ach mu’n d’rinn i mach a’ clach iucharach, feuch! an truaigh earball a bh’aice gu ’chrathabh! Oir bha Annag fad air thoiseach air cach, agus rinn i suas gu dluth ri Maggai threin, agus thug i ionnsuidh air Tomi le cuimse fhiadhaich. Ach is beag a bha dh’ fhios aice air smioralas Maggai, a theasairg a maighstir gu teartinte le aon leum, ach, dh’ fhag i ’na deigh a h-earball glas fein Ghlac a’ chailleach i air an rumpall, agus dh’ fhag i aig Maggai air oigin am bun. A nis, g’e b’e co a leughas an sgeul firinneach so, thugadh gach duine agus gach mac mathar an aire. Cuin air bith is miann leat dol a dh’ òl, smuainich gu’m feud thu sòlasan a cheannach tuilleadh ’s daor, agus cuimhnich air capull Thomi a’ Shanter.” COIN.—“Ubh! Ubh! a Mhurachaidh, cha chual mi a’ leithid riamh. Ciamar a chaidh agad air, oir tha a Ghailic sin co cruaidh, cruinn, geur ris na sligibh bairneach fein, agus an deigh sin tha i so-thuigsinn?” Mur.—”Cruaidh no bog, feumaidh sinn geill a thoirt do ghairm Bean-an-tighe, oir tha’n t-suipeir deas o cheann fada, agus tha fios agad gu’m feum gach beo a bheathachadh. Uime sin, thugamaid an seomar oirnn, agus feudaidh e bhi gu’n an deigh na suipeir ged bu bhardachd Oisein a thigeadh an uachdar. ALASDAIR RUADH. SAMHLAIDHEAN. Cha fliuch ri iasg—cho tioram ri seich, Cho beò ri eun—cho marbh ri cloich; Cho brisg ri glaine—cho righinn ri teud, Cho mall ri seilcheag—cho luath ri steud; Cho làidir ri each—cho lag ri caot, Cho milis ri siùcar—cho neo-bhlasd ri sgaot; Cho geal ri lili—cho dubh ri suidh, Cho mear ri piseig—cho tinn ri cù; Cho dòmhail ri peatraid—cho sùmail ri sgadan, Cho reamhar ri muic—cho caol ri radan; Cho direach ri saighead—cho cam ri bogha, Cho bàn ri léine—cho dubh ri gobha; Cho carrach ri creig—cho lom ri bòrd, Cho geur ri sgian—cho maol ri òrd; Cho cruaidh ri spor—cho bog ri ìm, Cho luaineach ri sìd—cho cinnteach ri tìm; Cho fìor ris an t-Soisgeul—cho fealls’ ris an duine, Cho caochlach ri bean—cho deibhin ri gunna; Cho teth ri àmhuinn—cho fuar ri sneachd; Cho lag ri cuileig—cho laidir ri seachd; Cho aotrom ri it—cho trom ri luaidh’, Cho glas ri feur—cho ruadh ri luath, Cho mall ri as—cho bras ri tuil, Cho geal ri latha—cho dearg ri fuil, Cho garbh ri ròcas—cho binn ri bàird, Le mìl’ samhl’ eile riu so ann an càird, [TD 68] [Vol. 5. No. 10. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 5, 1896. Ann an Canada, tha gach ball de ’n ard-phàrlamaid a’ faotuinn mar dhuais air son a shaothair as leth a dhùthcha, mile dolair ’sa bhliadhna; ann an New Zealand, tha ’n luchd-pàrlamaid a faotuinn còig ceud dolair ’sa bhliadhna; ann an Iapan, ochd ceud dolair; ann an Astralia deas, mile dolair; ann a’ Victoria, coig ceud deug dolair; ann an Queensland, da mhile dolair; anns a’ Fhraing, ochd ceud deug dolair; ann an Brazil; tri mile dolair; ann am Mexico, tri mile dolair; agus anns na Stàitean Aonaichte, coig mile dolair. Ann am Breatuinn far am bheil na laghannan a’s cudthromaiche ’s a’s fhearr air an deanamh, agus far am bheil aca ri obrachadh na ’s cruaidhe na ann an dùthaich sam bith eile, cha ’n eil an luchd-Pàrlamaid a’ faotuinn sgilinn ruadh air son an saothair. Tha iad a riaghladh na dùthcha, agus ann an tomhas mor a’ cumail rian air an t-saoghal air fad, gun dad iarraidh no fhaotainn air son an cuid obrach. Ann am baile Halifax, tha na rothairean air fas cho lionmhor, ’s gu bheil luchd-riaghlaidh a’ bhaile air fhaicinn iomchuidh cìs a leigeil orra, agus riaghailtean eile dheanamh air son an cumail fo laimh. Cha’n eil a’ chìs ri bhi glé àrd, a mhàin còig sentichean fichead, ach tha na riaghailtean eile a’ cur na feirge gu mòr orrasan do ’n gnàth a bhi falbh leis a chuidheil. Cha ’n fhaod iad falbh na ’s luaithe na sia mile ’san uair, feumaidh iad an clag a bhualadh ’nuair a thig iad faisg air duine, agus tha aca ri solus laisgte bhi air an siubhal air an oidhche. Tha h-uile rud a h-ann a’ cur na feirge air muinutir na rothairean. Ach tha ’n uidheam ùr so air fàs cho lionmhor o chionn beagan bhliadhnaichean ’s gu feumar riaghailtean air choreigin a chur rompa. Roimhe so bha cead aca mar bu trice deanamh mar a chitheadh iad fein iomchuidh, ach tha ’n t-àm a nis air tighinn anns am feumar innse dhaibh ciod a dh’ fhaodas iad a dheanamh, agus ciod nach fhaod. ’S àbhaist do ’n fhear-dheasachaidh mu ’n am so ’n bhliadhna seachdain tàimh a thoirt dha fhéin ’s dh’ an MHAC-TALLA. Tha so feumail, oir ’nuair a tha neach ceangailte ri obair fad bliadhna gun chothrom gluasaid, cuiridh a shlàinte feum air e ’anail a leigeil gus neart agus ùrachadh fhaotainn air son saothair bliadhn’ eile. O’n thachair dha aig an àm so a bhi ann an Eilean a Phrionnsa air chuairt ghoirid, smaoinich e nach b’ olc an gnothuch dha am paipear a chur na thàmh aon seachdain, a chuairt a dheanamh beagan na b’ fhaide, agus sgriob a thoirt am measg nan Gàidheil a tha ’deanamh an d achaidh anns an eilean bhòidheach thorach sin. An uiridh chuir e cuairt ghoirid air Ceap Breatuinn; thug e cùnntas goirid d’ an luchd-leughaidh air a’ chuairt sin; tha roimhe a ni ceudna dheanamh a thaobh a chuairt an Eilean a’ Phrionnsa, agus air leinn nach mi-chòrd sin riutha. Mar sin cha bhi dùil aig an luchd-gabhail ri MAC-TALLA fhaicinn air an t-seachdain s’a tighinn idir, ach an t-seachdain an deigh sin, bidh e ’ga nochdadh fhéin riutha a rithist ann an làn rùn a bhi na ’s briathraiche ’s na ’s fhearr seanachas na bha e riamh. Ann an Denmark, am Finland, ’s an Norway, tha boirionnaich gu tric ri ’m faotainn air bòrd shoithichean mar sheòladairean‘ agus tha iad ag radh gur a math na maraichean iad. Am measg nan soithichean beaga, nuair a tha boirionnach air bòrd, co-dhiu is bean an sgiobair, no bean an stiubhaird i, tha aice ris gach ni a chuirear mu choinneamh seòladair sam bith a dheanamh; tha aice eadhon ri dhol air an stiùir no air an fhaire mar aon de chàch. Ann an Denmark, tha boirionnaich gu tric nan luchd-iùil (pilots) do shoithichean, agus ’s aithne dhaibh an gnothuch a dheanamh pailt cho math no na ’s fhearr na na firionnaich. Tha am MAC-TALLA beagan air deireadh air an t-seachdain so, ach gabhaidh ar luchd a leisgeul, oir thàinig air an fhear-deasachaidh fàlbh o’n tigh toiseach na seachdain. Tha e ann an Eilean a Phrionnsa, agus cha teid aige an ’obair a dheanamh idir cho math ’n uair a tha e astar latha no dha bho ’n tigh ’sa theid aige ’nuair a tha e air fhonn fhéin, far nach eil seallaidhean no fuaimannan comasach gus ’aire thoirt bhar a ghnothùich. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shuilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 69] [Vol. 5. No. 10. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh soitheach iasgaich Geancach a reic leis an t-siorram ann a Halifax Di-luain s’a chaidh. Bha i air a glacadh airson a bhi ’g iasgach an taobh a stigh de na crioch-an. Tha Banrigh Victoria ann an Alba aig an àm so. Tha i gu fuireach ann am Balmoral gu deireadh Nobhember agus an sin tha i tilleadh gu Windsor. Tha i air a dhol am feobhas gu math na slàinte. Chaidh da mhile duine, á caochladh cheàrnaibh de Ontario, seachad troimh bhaile Thoronto ann an aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, ’s iad a dol do Mhanitoba ’s do ’n Iar-thuath a dh’ionnsuidh na buana. Tha an t-Onarach Edward Blake a tigh’n a nall a Chanada air a’ mhios so, agus a dol a dh’fhuireach a bhos coig no sia sheachdainean. Tha e fàgail thall toiseach na seachdain s’a tighinn, agus bi’dh e dol air ais mu thoiseach a gheamhraidh. Tha ’n Spain a’ dol a chur da fhichead mile (40,000) saighdeir do Chuba mu mheadhon a mhios so. Bho ’n thòisich an cogadh ann an Cuba, chaidh sia fichead mile (120,000) saighdeir a chur a nall do ’n eilean sin. Tha e coltach gun teid aig an Spàin air an cogadh a chumail air adhart treis mhath fhathast. Tha reis gu bhi ann an Dorchester, New York; nir an naodhamh latha deug dhe’n mhios so eadar each agus rothair, a cheud réis dhe ’n t-seorsa a bh’ ann riamh. Tha an t-each air fear de na h-eich a’s luaithe th’anns na Stàitean, agus tha fear an rothair cho math air astar a thoirt as a chuidheil ri duine tha ’n America. Tha da mhile dolair ri bhi an geall eatorra. Phòs càraid aosda ann am Fredericton, N. B., air an n-seachdain s’a chaidh. Tha fear na bainnse ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus bean na bainnse tri fichead s’a deich. ’Se so an ceathramh pòsadh dhasan. Bha am pears-eaglais a phòs iad ag iarraidh airsan a ghealltuinn gu’m b’e so am pòsadh mu dheireadh a dheanadh e, a ch cha toireadh e gealladh sam hith dha. Chaidh duin òg do’m b’aimn Sydney Roper, a bhàthadh faisg air Ingonish Di-luain s’a chaidh. Bha e fhéin ’sa bhrathair ag iasgach mu cheithir mile mach o eilean Ingonish, nuair dh’éirich gaoth laidir, agus a lion am bàta aca le uisge; Thainig bàta eile nan rathad aig an àm, agus shàbhaileadh a bhrathair, ach chaidh esan a bhathadh. Bha a’ mhuir cho garbh ’s gu robh an leòr sig a chuid bu mho dhe na bàtaichean tìr a thoirt a mach. Thug fear Micheil Aenan, ann an Roxbury, Mass., ionnsuidh Di-luain s’a chaidh air a bhean a mharbhadh, agus an deigh sin chur e làmh na bheatha fhein. Bhuail e i ’sa cheann le tuaigh, agus nuair a shaoil leis gu robh i marbh, ghearr e a sgòrnan fhéin. Tha iad beò le cheile, ach tha e doirbh a dheanamh a mach an tig no no nach tig aon seach aon dhiubh uaithe. Tha Henan mu thri fichead blianhna dh’ aois, agus a’ bhean da fhichead ’sa còig. Bha iad glé mhath air an dòigh. Thatar a’ deanamh a mach gu ’n do chuir dragh-eigin a bh’ aige thaobh airgeid inntinn air aimhreit. Bha teine mor ann am baile, Tignish, an Eilean a Phrionasa la na Sabaid s’a chàidh, agus chaidh a chuid a b’ fhearr dheth a losgadh gu làr. Bha da fhichead tigh ’sa coig air an losgabh; ’nam measg sin bha sàoraichean, taighean-òsda, taighean-còmhnuidh, agas taighean a bhuineadh dh’an rathad-iarrinn. Tha an call air a mheas aig ceud mile dolair, agus cha robh ach mu dheich mile dolair de dh’ airgead-urrais air na chaidh a losgadh. Thòisich an teine, mar a thòisich iomadh teine eile le cloinn bhig a bhi cleasachd la maidsichean far nach bu chòir dhaibh. Bha coinneamh aig comunn na h-oigridh ann an Charlottetown, E. P. I., air an t-seachdain so. Bha àireamh mhor cruinn as gach cearna de na mor-roinnean ìseal, agus bha coinneamhan aca fad thri latha, Di-mairt, Di-ciaduin, ’s Dior-daoin. Chaidh seachdnar ghìllean a ghlacadh ann an Amherst an la roimhe air son a bhi ’bristeadh a stigh do storaichean anns á bhaile. Cha ’n eil gin dhiubh os cionn coig bliadhn’ deug a dh’ aois. Chaidh gille eile, aois cheithir bliadhn’ deug, a chur an sàs ann an Lunnenburg air son na drochbheairt cheudna. Tha esan ri bhi air a chumail an greim gu ceann thri bliadhna, agus tha’ e ri bhi fad na h-ùine sin an an sgoil far an ionnsaich e ceaird. Bha iorghail mhor ann an Constantinople, ceanna-bhaile na Tuirce, air an t-seachdain s’a chaidh anns an deachaidh àireamh mhor de na h-Armenianaich a mharbhadh leis na Turcaich. Chaidh cuideachadh iarraidh air cuid a dh’ oifigich an t-Sultain gus an iorghail a chasg, ach cha’n fhaigheadh iadsan a bha ’ga iarraidh cluas uapa. Chaidh an sin buidhean de mharaichean a chur air tir le cùid de na soithichean-cogaidh Breatunnach a bha ’san acarsaid gus coirichean nan coigreach a ghleidheadh. Ghuidh an Sultan air fear-ionad na ban-righ e ghairm nam maraichean air ais dh’ ionnsuidh nan soithichean, ach cha deanadh e sin, gus an sguireadh an iorghail. Tha e air tigh’n am follais gu robh lamh aig cuid de dh’ard luchd-dreuchdan t-Sultain fhéin anns a ghnothuch, mur iad a b’ aobhar dha air fad. Tha e cinnteach gu leòr gu robh iad a’ brosnachadh an t-sluaigh an aghaidh nan Armenianach agus a’ toirt gach cothrom dhaibh air cur as daibh. Tha na h-Armenianaich bhochda a’ fulang gu goirt ach cha mhair so am feasda. Cha ’n urrainn latha an dioghaltas a bhi gle fhad air falbh. Tha armailtean mora aig gach rioghachd ’s an Roinn-Eòrpa a’ feitheamh deiseil air son a chogaidh ge b’ e uair a thig e. Nam bristeadh cogadh am mach am màireach, rachadh aig an Roinn-Eòrpa air fad air seachd muillein fichead (27,000,000) duine a chur ann, an taobh a stigh de che’-la-deug. Is iomadh litir a tha dol troimh lamhan a phosta air feadh an t-saoighail eadar da cheann na bliadhna, ach ’s e fior bheagan dhiubh a tha dol air chall. Thatar a’ deanamh a mach gur h-e aon té as a’ mhuillein de na litrichean a tha dol air cùram a’ phosta, nach eil a ruigheachd a ceann-uidhe. Leugh sinn an la roimhe mu dhuine air an d’ thàinig da latha. Bha e ann an Queensland, an Astralia, agus ’nuair a bha e na dhuin’ òg bha e glé bhochd, a deanamh a bheòlaind air reic feòla. An deigh sin fhuair e mèinn òir, air an d’ rinn e beairteas mòor, agus leig e dheth a bhi na fheòladair. Chaidh e ’n uair sin a dh’ obair air politics, agus fhuair e bhi na àrd-phost-mhaighstir anns an dùthaich, ach an deigh faotainn cho àrd sin, thàing e cho iseal ’sa bha e riamh; chaill e chuid airgeid air dòigh-eigin, agus sguir e mar a thòisich e, na fhear-reic feòla, agus na dhuine bochd. Nach neo-chinnteach an ni saoibhreas an t-saoghail so. Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan, Curraichdean, Leintean agus Brògan, aig D. J. Domhnullach. Tha a phris iseal, ’s tha gach ni a gheibh thu aige math. OGUST, 1896. 1 Di-sathairne An Liunasdal. 2 DI-DONAICH 9mh Donach nn Trianaid. 3 Di-luain (2)An Cr.mu dheir.de ’n t-Sol. 2. 20 F, 4 Di-màirt (2)Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52 5 Di-ciaduin Bas Rob Dhuinn, 1778. 6 Dior-daoin (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598. 7 Di-haoine A Ghrian ag eiridh, 4,58, 8 Di-sathairne Duibhre air a Ghréin. 9 DI-DONAICH 10mh Donach na Trianaid. 10 Di-luain (9) An Solus Ur, 0.48. M. 11 Di-màirt Blar Dhailrigh, 1306. 12 Di-ciaduin A Ghrian a’ laidhe, 7.6, 13 Dior-daoin Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746 14 Di-haoine Bas Mhorair Chluaidh, 1863. 15 Di-sathairne A cheud Chr’tl. dhe’n t-Solus, 4.49, F 16 DI-DONAICH 11mh Donach na Trianaid. 17 Di-luain Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786 18 Di-màirt Blar Preston, 1649. 19 Di-ciaduin Bliadhna Thearlaich, 1746. 20 Dior-daoin Bas ’Ic Coinnich (Sar Obair.), 1849. 21 Di-haoine Blar Dhunchaillinn, 1689. 22 Di-sathairne (23) Bas Uilleim Uallais, 1305. 23 DI-DONAICH 12mh Donach na Trianaid 24 Di-luain (23) An Solus Lan, 2.50, M. 25 Di-mairt Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-ciaduin A Ghrian ag eiridh, 5.20. 27 Dior-daoin Sealg Bhraight Mhair, 1714. 28 Di-haoine A Ghrian a laidhe, 6.39. 29 Di-sathairne Blar Loch-Aillse, 1722. 30 DI-DONAICH 13mh Donach na Trionaid. 31 Di-luain AnCar’tl mu dheir.de’n t-Sol.6 41M D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. Am bheil thu gabhail Mhic-Talla? MUR EIL Cuir ’ga iarraidh $1.00 sa bhliadhna. [TD 70] [Vol. 5. No. 10. p. 6] AISLING MHIRSA. LE IOSEPH ADDISON. (Spectator, September, 1, 1711.) An uair ’bha mi aig Cairo Mòr thionail mi iomadh de sgrìobhannean na h-àirde near a ta agam fhathast làmh rium. Ann am measg cuid eile thachair orm aon air ainmeachadh “Aislingean Mhirsa” a léugh mi thairis le mor thlachd. Tha mi cur romham a thoirt do ’m luchd-leughaidh an uair nach bi ni air bith eile agam dhaibh; agus tòisichidh mi leis a cheud aisling, a dh’ eadar-theangaich mi facal air an fhacal mar a leanas:— Air còigeamh latha na gealaich, a ta mi ’ghnath a’ cumail naomh da réir àbhaist m’ aithrichean, ’an déigh domh mi-fein a nigheadh agus m’ aoradh maidne thoirt suas, dhirich mi sléibhtean arda Bhagdat chum an còrr de an latha ’chur seachad ann am beachd-smuainteachadh agus urnuigh. Mar bha mi an so ga ’m chuir fein ris an àileadh air mullach nam beann thuit mi ann an dlùth aire ro dhomhain air diomhanas beatha an duine; agus a’ dol bho aon smaoin gu smaoin eile “Gu deibhinn” orsa mise “Cha ’n eil anns an duine ach falas agus anns a’ bheatha ach bruadar.” Air dhomh bhith mar so a cnuasachadh thug mi sùil air binnean creige nach robh fada bhuam far an d’ thug mi an aire do aon ann an éideadh ciobair, le inneal ciùil beag na laimh. Mar bha mi ag amharc air chuir e an t-inneal-ciùil ri bhilibh agus thòisich e ri cluich air. Bha an fhuaim aige ro mhilis agus air oibreachadh gu iomadh port a bha do-innseadh fonnmhor agus uile gu léir air leth bho ni air bith a chuala mi riamh; chuir iad mi ann an cuimhne air na fuinn neamhaidh sin a ta air an seinn do anma eadar-dhealaichte dhaoine maith, aig àm an céud dol a steach do phàras, chum caitheadh dhiubh athailt na spàirne deireannaich agus an deiseachadh airson solasaibh an aite shona sin. Leagh mo chridhe air falbh ann am mor aoibhneas diomhair. Is minig a chaidh innseadh dhomh gu an robh sithiche ag gabhail comhnuidh mu an chreig fo am chomhair; agus gu an cualadh na h-iomadaibh ceòl binn air daibh bhith dol seachad oirre, ach cha chualadh mi riabh gu an do rinn am fear-ciuil e fein foillaiseach. An uair a thog e mo smuainntean leis na fuinn éibhneach a chluich e chum taitneas a chòmhraidh bhlasad, mar bha mi ag amharc air, cosail ri aon fo ioghnadh, smèid e rium, agus le crathadh a làimhe, sheòl e domh teachd fagus do an àite anns an robh e na shuidhe. Tharruing mi dluth leis an ùmhlachd sin is dligheach do nàdur is àirde, agus o’n a bha mo chridhe gu leir air a cheannsachadh leis a’ cheol anabarrach a chuala mi, thuit mi sios aig a chasaibh agus ghuil mi. Dh’ amhairc an sithiche orm gu miog-shuileach, truachanta, agus le ceanaltas a rinn m’ inntinn càirdeil ris, agus a chuir air ball fo sgaoil gach eagal agus fiamh ’bha orm teachd gu a chòir. Thog e mi bho an talamh, agus a’ gabhail mo laimh, “A Mhirsa,” deir esan, “Chualadh mi thu ri fein chomhradh, lean mise.” Threoirich e an sin mi chum a’ bhinnein a b’ àirde de an chreig, agus ga ’m shuidheachadh air a mhullach thuirt e “Seall ris an airde-near, agus innis domh ciod a chi thu.” “Chi mi,” orsa mise, “Gleann mor agus sruth mara anabarrach a’ ruith troimhe.” “An gleann tha thu faicinn,” deir esan, “is e gleann na truaighe, agus an sruth uisge ’tha thu faicinn is earrann e do shruth mor na sior-ruigheachd.” “Ciod is aobhar,” orsa mise, “gn ’m bheil an sruth so ’tha mi a faicinn ag eirigh á ceo tiugh aig an dara ceann agus a rithisd ga ’chall fein ann an ceo tiugh aig a cheann eile.” “Na tha thu faicinn,” ors esan, “Is i an earrann de an t-siorruidheachd ris an canar ùine, air a tomhas am mach leis a ghrein, agus a’ ruigheachd o thoiseach an t-saoghail gu a chrioch. Rannsaich a nis,” arsa esan, “a’ mhuir so tha air a dùnadh a steach aig an dà cheann agus innis domh ciod gheobh thu mach innte.” “Tha mi faicinn,” orsa mise, “drochaid ’na seasamh ann am meadhon an t-sruth.” “An drochaid tha thu faicinn,” orsa esan, “is i beatha an duine, beachdaich oirre gu furaachail.” An deigh amharc oirre air mo shocair thug mi an aire gu ’n robh i air a deanamh de thri fichead agus a deich bogha slàn, le beagan bhoghaibh briste, agus air daibh so bhi air an cur riusan bhà slan bha an aireamh a’ deanamh an àirde gu tuiream ciad. An uair a bha mi ag cunntas nam boghachan dh’ innis an sithiche dhomh gu robh mile bogha anns an drochaid air tus, ach gu an do sguab tuil mhoir air falbh cach, agus gu ’n d’ fhag i an drochaid anns a’ chor sgriosal a bha mi nis a’ faicinn. “Ach innis domh na ’s faide cead a tha thu ’toirt fanear oirre.” “Tha mi faicinn,” orsa mise, “mòran sluaigh ag imeachd thairis oirre, agus neul tiugh an crochadh air gach ceann di.” Mar a sheall mi na bu chùramaiche chunnaic mi cuid de na fir-thurais a’ tuiteam troimh an drochaid do an t-sruth a bha ruith foidhpe; agus le amharc ni bu ghéire thug mi an aire gu an robh dorsa-diomhair do-àireamh na ’n laidhe ann am falach air an drochaid, agus cha luaithe a shaltair na fir-thurais oirre no a thuit iad trompa do an t-sruth, agus air ball chaidh iad as an t-sealladh. Bha na sluic-thuislidh so air an cur ro thiugh anns an t-slighe dol a steach air an drochaid, air sheol agus gu an do thuit moran sluaigh annta mu an gann a bhrist iad troimh an neul. Dh’ fhàs iad ni bu teirce mu an mheadhon, ach dh’ fhas iad lionmhor agus laidh iad na bu dluithe do a cheile, mu thimchioll ceann nam boghachan a bha uile slàn. Bha gu dearbh corra h-aon, ach cho robh an aireamh ach ro bheag, a lean air gluasad gu bacadh air na boghaibh briste, ach thuit iad aon an deigh aon air daibh a bhi làn sgith agus caithte leturas co fada. Chuir mi seachad beagan uine ag gabhail dubh-bheachd air an togail mhiorailtich so, agus an caochla seorsa de chuspairean bha i ’taisbeanadh. Bha mo chridhe air a lionadh le lionn-dubh trom a’ faicinn cuid a tuiteam gu fhuighir, ann am meadhon aigheir agus subhachais, agus a’ deanamh greim air gach ni ’bha ’seasamh lamh riu chum iad fein a shàbhaladh. Bha cuid ag amhairc an àirde ris na speuraibh ann an doigh smuainteachail, agus, ann am meadhon am beachdaichidh, thuislich iad, agus thuit iad as an t-sealladh. Bha mor-shluagh gu dichiollach ’an toir air gucagan a dhealraich na ’n sùilean, agus a dhamhs, fo an comhair, ach, gu minic, an uair a shaoil leotha greim a dheanamh orra, dh’ fhàilnich an aite seasaimh agus a sios fodha chaidh iad. Ann am measg gach ni troimhe cheile mar so, thug mi an aire do fheadhainn le claidheamhnacroma na ’n làmhibh, agus cuid eile le buideil fhuail, a’ ruith air an ais agus air an aghaidh air an drochaid, a’ tilgeadh iomadh neach air na dorsa diomhair nach robh do reir coltais na slighibh, agus a dh’ fhaodadh iad a seachnadh, mur bitheadh iad mar so air an co-éigneachadh. Air do an t-sithiche m’fhaicinn ga ’m thoileachadh fein leis an t sealladh chianail so, dh’innis e domh gu an do lean mi air fada gu leor; “Tog do shuilean o an drochaid,” arsa esan, “agus innis domh am bheil thu fathast a’ faicinn ni air bith nach eil thu tuigsinn.” Air domh amharc an àirde, “Ciod is ciall, orsa mise, “do na agaothaibh mor eun tha daonnan ag itealaich mu an drochaid, agus a’ laidhe orra bho am gu am. Tha mi faicinn preachanan, iolairean, fithich, sgairbh, agus, ann am measg chreutairean iteagach eile, iomadh balachan beag sgiathach a ta ri suidh-air-spiris air na boghaibh meadhon.” “Is iad sin,” orsa an t-sithiche, “eud, sannt, saobh-chrabhadh, anndochas, gaol, agus an leighide sin de chùraim agus de anamianna, a ta ’cur dragh air beatha an duine.” Thug mi an so osann throm “Mo thruaigh orsa mise, “chaidh an duine dheanamh gu diomhain, ceamar tha e air a thoirt thairis chum truaighe agus bàs-mhorachd, air a sharachadh anns a bheatha, agus air a shlugadh suas anns a bhas.” Air do an t-sithiche nis bhi air a ghluasad le truacantach do ma thaobh, dh’ iarr e orm sealladh cho neo-chiatach a chuiteachadh. “Na h-amhairc nis mò,” orsa esan, “air an duine anns a’ cheud earrainn de a bhith, ann a dhol a mach chum siorruitheachd, ach tilg do shuil air a cheò dhùmhail, sin a chum am bheil an sruth ag giùlan a h-uile ginealach bith-bhàsmhor a thuiteas ann.” Sheol mi mo fhradharc mar a chaidh iarruidh orm, agus (co dhiubh a neartaich an deagh shithiche e le spionnadh os cionn nàduir, no a sgaoil e cuid de an cheo bha roimhe tuillidh agus tiugh airson na sùla dhrughadh air) chunnaic mi an gleann a’ fosgladh aig a’ cheann a b’ fhaide bhuam, agus a’ sgaoileadh a mach na ’chuan [TD 71] [Vol. 5. No. 10. p. 7] anabarrach farsuinn, anns an robh sgeir ghailbheach, de an chloich is cruaidhe, a’ ’ruith troimh a mheadhon, agus ga ’roinn na dha earruinn co-ionnan. Bha na neol fathasd a’ laidhe air an dara leth dheth, air chor agus nach b’ urrainn mi ni sam bith dheanamh mach ann,—ach bha an leth eile coltach ri cuan ro-mhòr làn de eileanan thar aireamh a bha air an comhadach le measaibh agus blàthaibh, agus air am fitheadh a steach na chéile le mile muir dearsaich a’ ruith na ’m measg. Chithinn daoine ann, an trusgan ghloirmhor, le lus-chruin air an cinn, ag gluasad ann am measg nan craobh, a’ laidhe sios ri taobh nam fuaran, no a leigeil sgios air leapaichibh blathan; agus cluinnear co-sheirm eòin a’ seinn steallairean, agus guth dhaoine agus innealan—ciùil ann am measg a cheile. Dh’ fhàs aoibhneas orm le àite cho sòlasach fhaotuinn a mach. Ghuidh mi airson sgiathabh an fhireoinn chum gus an itealaichinn air falbh do na h-àrois shona sin, ach dh’ innis an t-sithiche domh nach robh aiseag gu an ionnsuidh ach troimh gheataibh a’ bhàis, a chunnaic mi aig a cheart am so a’ fosgladh air an drochaid. “Tha na h-eileanan,” orsa esan, “a ta laidhe cho ùrar gorm fo do chomhair agus le am bheil uile aghaidh a chuain mar gu am bitheadh e air a bhreacadh co fad agus a chi thu, na is lionmhoire na a’ ghainmheach air cladach na fairge; tha deich mile eilean air cùl nam feadhnac tha thu faicinn an so a’ ruigheachd na ’s faihe no is comasach do shùil, no eadhoin do inntinn i fein a sgaoileadh. Is iad sin aitean taimh nan daoine maith an déigh bàis, a ta, do réir inbhe agus seòrsa na ’n deagh bheusan anns an d’ thug iad bàrr, air an roinn air feadh nan eileanan sin, a tha lionta le solassaibh de iomadh seòrsa, agus inbhe, mar a fhreagras do mhiann agus foirfeachd nan daoine tha air an suidheachadh annta—gach eilean na fhlaithnis freagarrach do a luchd-àiteachaidh fein. Nach fiach na h-ionadan comhnuidh sin, O Mhirsa, stri dheanamh air an son. Am bheil a bheatha sin ag amharc truagh a ta ’toirt duit cothroman air a’ leithid de dhuais a chosnadh. Am bi geilt roimh an bhàs a ghiùlaineas tu chum beatha cho àghmhor. Na saoil gu an deachaidh an duine a dheanamh ann an diomhain aig am bheil a’ leithid de shiorruidheachd air a ghleidheadh dha.” Bheachdaich mi le aoibhneas do-innseadh air na h-eileanaibh sona sin. An deigh beagan thuirt mi “foillsich domh a nis guidheam ort, na nithean diomhair a ta ’laidheadh ceilte fo na neòil dhorcha sin a ta cùirneachadh a’ chuain air taobh eile na creige.” An uair nach d’ thug an t-sithiche freagairt domh thionndaidh mi gu labhairt ris an dara uair, ach dh’ fhiosraich mi gu ’n d’ fhàg e mi. Thionndaidh mi rithist chum na h-aisling air an robh mi co fad a’ beachdachadh, ach ann an àite an t-sruth charthonnaich, an drochaid bhoghach, agus na h-ealeanan sona, cha ’n fhacadh mi ni air bith ach gleann fada, fàsail, Bhagdat, le daimh, caoirich, agus camhalaibh ag ionaltradh air gach taobh dheth. COMHARRAN. Tha e ’na dheagh chomharra duine fhaicinn a’ deanamh gniomh seirc; tha e na dhroch comharra a chluinntinn a’ deanamh uaill as. Tha e na dheagh chomharra duine ionraic fhaicinn a’ caitheamh a sheann eudach: tha e na dhroch comharra am faicinn a lionadh tholl ’s an uineig. Tha e na dheagh chomharra duine fhaicinn a’ siabadh an fhalais bhàrr a mhala: tha e ’na dhroch comharra duine fhaicinn a siabadh dheth a’ phuill air dha bhi tuiteam fo mhisg. Tha e na dheagh chomharra bean fhaicinn ’g a h-éideadh féin gu glan grinn: tha e ’na dhroch comharra a fear fhaicinn aig na maoir air son ainmheach a rìomhaidh. Tha a ’na dheagh chomharra duine fhaicinn a’ cur a chloinne do ’n sgoil: tha e ’na dhroch comharra am faicinn air an togail ann an sgoil dubh na stràid, C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 72] [Vol. 5. No. 10. p. 8] ORAN DHUNEIDEANN. LE DONNACHA BAN. S’e baille mòr Dhunéideann A b’éibhinn leam bhi ann, Aite fialaidh farsuinn, A bha tlachdmhor anns gach ball; Gearasdan a’s bataraidh, A’s rampairean gu teann, Tighean mòr a’s caisteil, Anns an tric an d’ stad an càmp. ’S tric a bha camp rìoghail ann, ’S bu rìomhach an luchd-dreuchd; Trùp’ nan srann-each lionmhor, Gu dileas air a gheard. Bhiodh gach fear cho eòlach ’S na h-uile seòl a b’ fhearr, Na fleasgaich bu mhath fòghlum A dhol an òrdugh blàir ’S iomadh fleasgach uasal ann, A bha gu suairce, grinn, Fùdar aìr an gruagan, Suas gu bàrr an cinn; Leadainn dhonna dhualach ’Na chuachagan air snìomh; Bàrr dosach mar an sìoda, ’Nuair lìobadh e le cìr. ’S mòr a tha do bhain-tighearnan A null ’sa nall an t-sràid, Gùntaichean do’n t-sioda orr’ Ga’n slìogadh ris a’ bhlàr; Stoise air na h-ainnearan Ga’n teannachadh gu h-àrd. Buill-mhais air eudain bhòidheach. Mar thuilleadh spòrsa dhaibh. Na h-uile te mar thigeadh dh’i, Gu measail a measg chàich, Uallach, rìomhach, ruibeannach, Cruinn mìn-gheal, giobach, tlà; Trusgan air na h-òigheanan, Ga’n còmhdachadh gu làr; Bròg bhiorach, dhìonach, chothromach, ’S bu chorrach leam a sail. ’nuair chaidh mi stigh do’n abailte, Gu’m b’ ait an sealladh sùl Bhi ’g amharc air na dealbhanan, Rìgh Fearraghus ann air thùs; A nis’ o’n rinn iad falbh uainn, Tha Alba gun an crùn; ’Se sin a dh’fhag na garbh-chriochan ’S an aimsir so á cuirt. Bi lòchrain ann do ghlainneachan, A’s cainneal anns gach àit, A meudachadh an soillearachd, Gu sealladh a thoirt daibh; Cha lughadh ’n t-aobhar èibhneis, Cluig-chiùil ga’n éisgeachd ann, ’S gur binne na chuach chéitein iad, Le’n foragan éibeinn àrd. Tha tigh mòr na parlamaid Air ardachadh le tlachd, Aig daoine-uaisle ciallach, Nach tug riamh ach a’ bhreith cheart; Tha breitheanas air thalamh ann, A mhaireas ’s nach téid as, Chum na thoill e chrochadh, ’S thig na neo-chiontaich a mach. A’s chunna’ mi tigh-leighis ann Aig léigheannan ri feum, A’ deanamh slan gach dochartas A bhiodh an corp no’n cré; Aon duine bhiodh an eus-lainte, No’n freasdal ris an léigh, Be sin an t-àite dleasanach, Gu’ theasairgeain o’n eug. Tha Dunéideann bòidheach Air iomadh seòl na dhà, Gu ’n bhaile anns an rìoghachd so Nach deanadh strìochdadh dha; A liughad fear a dh’ innsinn ann A bheireadh cìs do chàch, Daoin-uaisle casg an ìota, Ag òl air fion na Spàinnt’. Ge mòr a tha do dh’ astar Eadar Glascho agus Peairt, Is cinnteach mi ged’ fhaicinn Na tha dh’ aitreabh ann air fad, Nach eil ann is taitniche Nan abait a’s am banc, Na tighean mòra rìomhach, ’Am bu chòir an righ bhi stad. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. SANAS. Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air pris iseil, rach a choimhead air D. J. DOMHNULLACH. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram,tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co Mai 4. ’95; CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. [TD 73] [Vol. 5. No. 11. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBEE 19, 1896. No. 11 Litir a S. W. Margaree. ’FHIR MO CHRIDHE,—Is fada bho nach do chuir mi sgrìob thun a MHIC-TALLA. Tha mi creidsinn nach eil a bheag a dh’ ionndrainn air mo chuid-sa naigheachdan; ach ciamar air bith tha sin, tha bòsd orm a ràdh nach do chuir mi dad d’ ur n’ionnsaidh riamh nach do chlo-bhuail sibh gu snasail agus sin ’an ùine ghoirid an deigh domh a chur air falbh. Tha MAC-TALLA a’ taghal air àireamh mhath de luchd-gabhail anns a’ chearn ’so—rud tha na dheagh chomharradh gur a sluagh Gàidhealach a’s mutha tha tàmh ’s an àite. Tha sgoilean matha Beurla lionmhor n ’ar measg; ach ged tha, cha ’n fhiosrach mi gum beil a h-aon ann tha ’deanamh dimeas air a Ghàidhlig ann an dòigh sam bith. Tha gach aon deònach gu ’m faigheadh i ’h-àite fhéin a chumail am measg nan canain eile, agus is tearc ri fhaotainn teaghlach anns nach eil cuideigin a leubhas Gàidhlig. Anns a pharaisde so, a bhàr air mu dhusan teaghlach Eirionnach, tha faisg air ceud teaghlach Gàidhealach, a’ mhòr chuid diubh air an suidheachadh gle mhath nan crannchur. Tha roinn fhathast beò de dh’ fhàs na seann-dùthcha. Tha mu fhichead pearsa ann ’tha os cionn ceithir fichead bliadhna a dh’ aois. Tha caochladh fhineachan ri fhaighinn air gach taobh dhe ’n abhainn so,—Siosalaich, Caimbeulaich, Camaranaich, Cloinn-Iosaic, Cloinn-Phàrlain, Domhnullaich, Dùbhallaich, Cloinn-Illeolain, Cloinn-Illios, Cloinn-Illeain, Cloinn-Leòid, Stiùbhartaich, Siomsanaich agus Cloinn-Choinnich. Thainig an àireamh a’s mutha dhiubh as a’ Mhorthir, beagan á Mùideart, Arasaig agus àiteachan eile anns an t-seann dùthaich. Dh’ fhàg feadhainn diubh Albainn cho tràth ri 1801, agus rium iad còmhnuidh fad greis bhliadhnachan ’an Siorramachd Antigonish. Thuinich a’ chiad luchd-àiteachaidh air abhainn Mhargaree, os cionn na “Forks,” mu ’n bhliadhna 1815. Thàinig a mhor chuid de chach eadar 1821 agus 1826. Is Caitlicich iad uile, agus ’s e ’n t-Urraman Fionnladh Siosal ar Sagart Parais [?] o chionn sia bliadhn’ deug. Is fada bho nach robh am fiar cho pailt ’sa tha e’m bliadhna. Bha ’n samhradh “breac riabhach,” ro fhreagarrach do gach seòrsa barra. Tha gach seòrsa arbhair a sealltuin taghta math, ach cha ’n eil uiread an cur dhiubh ’s is minic a bha; oir air do ’n chinneachadh a dhol air ais o chionn beagan bhliadhnachan agus flùr na h-Aird-an-Iar saor ri cheannach, sguir na tuathanaich a threabhadh uiread de ’n talamh ’s a b’ àbhaist daibh. Tha ’m buntata is gnothuichean gàraidh gle mhath cuideachd, agus mar a tig gaiseadh sam bith na ’n rathad as deigh so bithidh gach seilear a cur thairis ’nuair a thig an geamhradh. Tha iasgach na h-aibhne so air dol air ais gu mòr o chionn fhichead bliadhna. Is ainneamh bliadhna an dràsda a gheibh daoine iasg an teaghlaich a ghlacadh. ’S an t-seann aimsir bhiodhte cur luchd nan soitheachan air falbh de chasbro—rud a bha na chuideachadh mòr do ’n chiad luchd-àiteachaidh. Bha ’n uair sin bradain, bric ’us easgannan paillt mar an ceudna, agus cha robh aona ghuth air laghannan cruaidhe g’ an taobh mar tha ann an diugh. Tha roinn mhath de ’n òigridh air falbh anns na Stàitean, feadhain diubh a’ deanamh airgiod us feadhain nach eil, cuid a’ call an slàinte ’us cuid eile a’ fàs reamhar, pairt diubh an ceann beagan bhliadhnaichean a tilleadh agus feadhain eile nach till gu bràch, feadhain a moladh dùthaich nan Geancach agus a’ càineadh na dachaidh agus feadhain eile an aghaidh sin. Tha chùis mar a bha i riamh,—feadhain a’ gleidheadh air an fhalbh ’s feadhain eile a call air; agus co aig tha fios nach eil feadhain ann cuideachd tha fuireach tuilleadh is mor aig an tigh dha ’n deanadh sgriob thoirt a choimhead an t-saoghail feum gu leòir. Dh’ fhaodainn mòran a chur sios ma ’n àite so, “dh’an d’thug Nàdur iomadh buaidh,” ach gun fhios nach eil mo litir tuilleadh is fada mar tha, cha sgriobh mi’n còrr aig an àm. Is mi do charaid. AN SEANA-GHIULLAN. Am Foghar, 27mh la, 1896. Tha D. J. Domhnullach an diugh a’ fosgladh anns an stòr ùr ri taobh a bhanca, agus tha e toirt cuireadh fialuidh do na h-uile tigh’n a choimhead air co-dhiu bhios iad air son dad a cheannach no nach bi. Bidh am Band aige air son toil-inntinn a chumail riuthasan a tha deigheil air ceol. Tha stoc mor de dh’ aodaichean, adan, &c. aige, agus tha e ga chreic anabarrach saor. An rud nach ith na leanaban ithidh an t-seanna-bhean fhein e. ’Se Mo Cheist an Gille Donn. Hithillen na hillean ì, Hithillen na hillean o, Faillill éile ’s hòro ì, Mo thruaighe mì mur faigh mi thu. ’Se mo cheist an gille donn, Théid do chrannaibh ard nan long, ’S ged bhiodh tu gun ni gun fhonn, A t-aodach lom gun gabhainn thu. M’ eudail, m’ aighear, ’us mo luaidh, ’Seòladh àrd air druim a’ chuain, Saoilidh mi an ceann gach uair, Gu ’n tig thu nuas g’am amharc-sa Gur e mise tha gu truagh, ’S caolas eadar mi ’s mo luaidh, Na’m biodh e ’na rathad cruaidh Gu ’n ruiginn uair ’san t-seachdain thu. Tha mi ’n so mar dhruid an crann ’S ise ’n deigh a h-eoin a chall, Seacharan air dhol am cheann, ’S ged thig an t-àm cha chaidil mi. Cha b’e airgiod ’s cha b’e òr, Air an robh mi òg an tòir, Ach na dh’ fhalbh air long aan seòl, ’S a chaidh ri ’m bheò nach faigh mi thu. Tha mi gun airgiod us gun òr, Cha ’n e so a rinn mo lèon, Ach nach fhaic mi thu ri’m bheò A’ seòladh thaobh an fhearainn so. Och nan Och. Och nan och! mar tha mar tha mise, ’Chòin a Righ! mar thar tha mise. Ghaoil ’s a luaidh nach robh mise Greis gun fhios leat an uaigneas. Gur mis’ tha fo mhulad, O’n taice so ’n uiridh, Mo shùilean a’ sruthadh, ’S lionn-dubh air mo bhualadh. ’S e do ghaol rinn mo lagadh, ’S a chuir faonndradh a’m chadal: Cia mar ’s dùth dhomh bhi fallain, ’S e mo charaid chum bhuam thu. ’S e do ghaol rinn mo lìonadh, ’S a chuir fada bho thir mi; Thu bhi fàgail na tìre, Bhiodh a’ brìodal nan gruagach. ’S e mo cheist-sa an t-uasal, Cas gu dìreadh nam fuar-bheann; Tha t-anaìl cho cùbhraidh, Ris na h-ùbhlan ’gam buain leam. Cha b’e stòras no earras Chuir mi ’n tòir ort mar leannan, Ach mi bhi tric mar riut A’ tigh’nn tarsuinn a luaidh rium. An rud nach faic suil cha chiurr cridhe. An t-uan ni’s duibuibhe na mhàthair. [TD 74] [Vol. 5. No. 11. p. 2] SGEUL IONGANTACH O’N CHUAN. Thug Diùc Earra-ghàidheal o cheann ghoirid iomradh dhuinn ann an leth-bhreac leabhair mar so fhein (Good Words) air sealladh àraidh a chunnaic duin’-uasal (Mr. Bell) ann an Inbhearaora o cheann ùine nach eil ro chian, ’s air an d’ thug e fein ’s a mhac iomradh sgriobhta a tha ’nis ann an seilbh an Diùc. Bha ’m mac ’s an t-Athair measail cliùteach ’s an dùthaich ’s cha robh teagamh air a chur nan seanchas—agus tha ’n Diùc a làn chreidsinn an iomraidh mu ’n t-sealladh iongantach a chunnaic iad agus mur faigheadh ’s mur d’ thugadh duine cho fhiosrach ghlic ris an Diùc sgeul sgriobhta mu ’n chùis cha dùraigamaid an sgeul ro iongantach, eile a leanas aithris. Be’n sealladh a chunnaic Mr. Bell agus a mhac ’s iad a’ coiseachd a mach o Inbhearaora an t-slighe air an robh iad ag imeachd air a domhlachadh le mòran airm agus leum iad gu taobh gus an rachadh na saighdeara seachad. Bha Mr. Bell e fein roimhe so san arm ’s bha a mhac a’ bràth dol ann mu ’n àm so féin, agus bha ’n t-athair a’ soillearachadh d’a mhac cùis no dha a thug an sealladh gu ’bheachd a thaobh nithe air am b’ iomchuidh do shaighdear òg eòlas a bhi aige. ’Nuair a bha iad a’ tilleadh dhachaidh dh’ fharraid iad do dhaoinibh a thachair orra am fac iad na saighdeara, ’s cha ’n fhac iad a h-aon a chunnaic an sealladh ud. Cha robh teagamh air a chur an sgeul Mhr. B. ’s a mhic. Dh’ fhaodadh an sealladh a bhi air fhaicinn ann an àite eile do ’n t-saoghal agus an riochd a bhi air a chomharrachadh air an àile ann an dòigh iongantaich a dh’ fhaodas gliocairean foghlaimte a shoillearachadh. Anns a bhliadhna 1828 bha duine òg d’ am b’ ainm Raibeart Bruce a mhuinntir Thorbay ann an Sasunn na fho-sgiobair (mate) air luing a bha seòladh eadar Liverpool agus St. John’s, New Brunswick. Bha ’n long air turus fairge ’dol a nunn air a’ chuan-t-siar ’s an deigh dh’i a bhi a mach cuig no sia sheachduinean ’s a bhi dluth air ceann-an-Ear Thanalach New Foundland, bha’n sgiobair agus Mr. Bruce mu mheadhon là air clàr-uachdair na luinge a’ gabhail na greine; ’s an deigh sin chaidh iad a sios a dh’ fhaotuinn a mach an obair-latha ’s an suidheachadh air a’ chuan. Bha’n staidhir a’ tearnadh tarsuinn ’s gun i ach goirid. Mu choinneamh taobh na staidhreach bha seòmar Bhruce. Air bun na staidhreach bha da dhorus taobh a cheile an dara h-aon a’ dh’ ionnsuidh an t-seòmair-shuidhe ’s an t-aon eile mu choinneamh na staidhreach agus seòmar Mhr Bruce. Bha ’n clàr-sgrìobhaidh a bh’ ann san t-seomar so ’s a cheann aig an dorus; ion ’s gu faiceadh aon ’na shuidhe aige ’s e ’g amharc thar a ghualainne do ’n t-seòmar-shuidhe. Bha Bruce air a thoirt a suas le bhi meas astair agus suidheachaidh na luinge bha ’g eadar-dhealachadh gu mòr o’n mheas a rinn e air thuairmeas agus as eugmhais na greine. ’N uair a bha e gu dùrachdach ri àireamh cha robh e ’toirt fainear gluasad an sgiobair ’san uair a chriochnaich e ’n obair bha eadar-dhealachadh mòr eadar an suidheachadh air a’ chuan agus a’ meas a rinneadh air thuairmeas. Ghlaodh e ’n sin ris an sgiobair gun amharc mu’n cuairt, agus dh’ fheòraich e, ciod an suidheachadh a bh’ aca a reir a’ mheas a rinn esan. ’N uair nach d’ fhuair e freagairt chuir e ’cheist a ris ’se ’sealltuinn thar a ghualainne agus chunnaic e, mar shaoil e, an sgiobair a’ dian sgriobhadh air a lic; ach cha d’fhuair e freagairt. An sin dh’ eirich Bruce agus ’n uair a bha e aig dorus an t-seòmair thog an cruth sin a chunnaic e ’n riochd a’ sgiobair a cheann, agus nochd e aogas neach air an robh e gu tur ’na choigreach. Cha bu chladhaire e agus ’nuair a choinnich e’n dian amharc sin air ann am fiamh thosd, ’s e cinnteach nach fac e ’n t-aogas sin riabh roimhe, mheataich e; ’s gun tuilleadh seanachais ris a’ choigreach, dhirich e suas le clisgeadh. ’N uair a thug an sgiobair fainear e dh’ fheòraich e dheth ciod a dh’ fhairich e. “Co,” arsa Bruce, “a th’ aig a chlàr sgriobhaidh agaibh?” “Cha’n fhiosrach mise neach air bith a bhi ann,” arsa an sgiobair. “Tha coigreach ann,” arsa Bruce. “’S fheudar gu bheil thu ’bruadar no gu fac thu ’n dara fo-sgiobair no’n stiubhard gu h-iosal. Co eile aig am biodh a chridhe dol sios gun chead,” arsa ’n sgiobair. Ach bha e arsa Bruce na shuidhe ’sa chathair agaibh ’s a’ sgriobhadh air ur lic. Sheall e orm san aodunn ’s tha mi cinnteach nach faca mi e riamh roimhe. “Tha sinn o cheann shia seachduinean air a’ chuan agus co as a thigeadh e; theirig sios agus faic co e,” arsa ’n sgiobair. Cha ’n eil mi creidsinn ann an tannasgaibh ach b’fhearr leam sinn a dhol sios le cheile arsa Bruce. Chaidh iad sios ’s sheall iad anns gach seòmar ’s cha ’n fhac iad iad neach. ’Nior fhaiceam m’ fhàrdach no mo theaghlach, arsa Bruce, mur faca mi cruth duine a’ sgriobhadh air ur lic, ’s an uair a sheall iad chunnaic iad air an lic na facail so, “Stiùir air an Aird-an-iar-thuath.” Am bheil thu fochaid orm deir an sgiobair? Air m’fhocal mar dhuine ’s mar mharaiche cha d’ innis mi smid ach an fhirinn, deir Bruce. Shuidh an sgiobair a’ trom-smuaineachadh ’san leac mu ’choinnneamh. Thubhairt e ri Brus ’s e tionndadh na lice—sgriobh na ceart fhocail sin a ’d laimh fhein, ’s an deigh do Bhruce sgriobhadh dh’ iarr an sgiobair air a radh ris an dara fo-sgiobair tighinn a’ nuas, sgriobh esan cuideachd na briathra ceudna—“Stiùir air an aird-an-iar-thuath;” sgriobh an stiùbhard ’san sgioba gu leir na facail sin, ach cha robh aon lamh-sgriobhaidh coltach ris an laimh sin a fhuaradh air an lic. Bha ’n sgiobair treis a’ dian-smuaineachadh—’s an sin thubhairt e—Cha ’n eil fhios nach fhaodadh cuideigin a bhi ’m folach aìr bòrd agus theid an long a rannsachadh gu mion [?] ’s mur faigh mise e bithidh e math air falach-fead. Gairm na lamhan. Chaidh sin a dheanamh ’s cha d’ fhuaras a h-aon air bòrd ach an sgioba. “A Mhr. Bruce ciod do bharail air a’ chùis? Tha ni-eigin ann.” Cha ’n urrainn mi a ràdh ach ga faca mi ’n duine a’ sgriobhadh air an lic deir Bruce. Falbh suas agus iarr air an fhear a th’ aig an ailm stiùradh air an àird-an-iar-thuath. Tha an soirbheas saibhir ’s cha chaill sinn ach beagan ùine. Chaidh sin a dheanamh agus an ceann thri uairean ghlaodh am fear-faire ga ’n robh beinn-dheighe air thoiseach orra ’s gearr na dheigh sin thubhart e gu’n robh coltas soithich ’na taice. ’N uair a bha iad a’ dlùthachadh air a chaspair so rinn gloine amhairc an sgiobair cinnteach iad gu ’m bi long a bh’ ann a chaill a croinn ’s i air reothadh ris an deigh agus mòran dhaoine air bòrd. An ùine ghearr chuir iad an long air luidhe-thuige ’s chuir iad na bàtaichean a mach a dheanamh fuasglaidh air luchd na h-eigin. Is e bha ’n so long a dh’ fhàg Quebec gu dol do Liverpool le mòran do luchd-aisig air bòrd. Chaidh i ’n sàs anns an deigh ’s bha i aireamh sheachdainean ann an cor cunnartach. Bha i gu mor air a dochunn ’s cha robh aig an sgioba no aig an luchp-turuis ach dòchas fann ri teasraiginn ’s bha ’n gairdeachas ro mhòr ’n uair a thàinig dòchas ri fuasgladh. ’N uair a bha h-aon do na thàinig as an luing a chaidh a dhìobradh a’ direadh ri taobh na luinge a thàinig gu cobhair, leum Bruce air ais le uamhas. B’ e so a’ cheart aogas a chunnaic e ceithir uairean roimhe so ag amharc air o chlar-sgriobhaidh an sgiobair. Dh’ amhairc e gu geur air ’s mar a b’ fhaide sheall e ’sann bu chinntiche bha e gu ’m b’ i a’ cheart ghnuis a chunnaic e roimhe a bh’ ann, ’s a cheart aodach agus a’ cheart chruth. ’N uair a chaidh gabhail aig an t-sluagh a chaidh a theasraiginn, thug Bruce an sgiobair gu taobh ’sthubhairt e ris; is e sid cruth agus coltas an duine a chunnaic mise a’ sgriobhadh air ur lic an diugh, ’s mhionnaichinn air a sin ann am mòd ceartais. Air m’ fhacal, a Mhr. Bruce, arsa ’n sgiobair, tha ’chùis ro iongantach. Labhramaid ris an duine. Fhuair iad an duine a’ cainnt ri sgiobair na luinge o’n deachaidh an teasraiginn ’s thàinig iad le chéile a thoirt buidheachais dhoibh air son an teasraiginn o fhuachd, o acras ’s o’n bhàs. Thubhairt an sgiobar agus Mr. Bruce nach d’rinn iad ach mar a dheanadh iad fein air an son-san anns a chor cheudna. An sin thubhairt an sgiobair ris an duine gu’m biodh e ’na chomain nan tearnadh e leis d’ a sheòmar. ’N uair a chaidh iad sios, thubhairt an sgiobair gu ’n robh e’n dòchas nach gabhadh e gu h-olc iarraidh air facal no dha a sgriobhadh air an lic. Ni mi sin gu, toileach arsa ’n duine, ach ciod a sgriobhas mi. Thugadh dha an taobh air nach roch sgriobhadh do ’n lic agus dh’iarradh air na facail a sgriobhadh, “Stiùir air an Aird-an-iar-thuth.” Bha ’n coigreach fo iongantas ’s gun fhios aige ciod bu chiall do ’n iarrtus so; ath le fiamh [TD 75] [Vol. 5. No. 11. p. 3] ghaire dh’ aontaich e. Thog an sgiobair an leac agus sheall e gu mion oirre. An sin chaidh e gu taobh los nach faiceadh an coigreach e ’s thionndaidh e ’n taobh air an robh a’ cheud sgriobhadh. Is i so do làmh-sgriobhaidh. Is i, arsa an coigreach, chunnaic sibh mi ’sgriobhadh nam facal sin. Agus an i so i cuideachd? arsa ’n sgiobair ’se tionndadh an taobh eile do ’n lic. Bha mòr imcheist air an duine ’n uair a dh’ amhairc e ’s thubhairt e nach do sgriobh esan ach air an dara taobh; ’s co a sgriobh air an taobh eile—ciad is ciall dha so? Is tuillidh sin na ’s urrainn dhomhsa innseadh. Thubhairt mo cheud fho-sgiobair gu ’n do sgriobh thu fein e air a mheadhon latha ’n diugh aig mo bhòrd sgriobhaidh-sa. Dh’ amhairc sgiobair na luinge diobaraich ’s an duine air a cheile le clisgeadh agus dh’ fheòraich an sgiobair dheth—“An do bhruadair thu gu ’n do sgriobh thu air an lic so?” Cha ’n eil cuimhne agam gu’n do bhruadair. Ciod arsa ’n sgiobair eile a bha ’n duine so a’ deanadh mu mheadhon latha an diugh? Cha ’n eil fhios again ach is cùis dheacair a tha so agus bha mi ’m beachd labhairt ribh mu ’n chùis cho luath ’s a gheibhinn cothrom. An duine uasal so, air dha a bhi air a chur thairis gu mòr thuit ’na throm chadal beagan roimhe ’n mheadhon latha; an ceann beul ri uair dhùisg e agus thubhairt e rium; “Gheibh sinn fuasgladh an diugh.” Agus ’n uair a dh’ fheòraich mi ciod an t-aobhar a bh’ aige air son sin a radh, fhreagair e, gu fac se e fein air bòrd luinge a bha ’greasad gu ’r teasraiginn. Dh’innis e ’coltas agus a h uidheam-seòlaidh, ’s an uair a nochd an long so i fein bha ’h-aogas a’ freagairt do na dh’ innis e m’a timchioll. Cha do chuir sinn mòr earbsa as na thubhairt e; ach smuainich sinn gu faodadh brigh eigin a bhi ’sa bhruadar; oir beiridh an duine a tha ’n cunnart bàthaidh air sop; ach a reir ’s mar a thachair cha ’n eil teagamh nach robh gach cùis air a riaghladh le freasdal an Uilechu mhachdaich, ann an dòigh do thuigsinn dhuinne chum ar teasraiginn o’n bhàs. Cha ’n eil teagamh arsa ’n sgiobair eile, nach d’ rinn an sgriobhadh a bh’ air an lic tearnadh dhuibh, cia air bith mar thàìnig e. Bha sinne a’ stiùireadh an iar-dheas agus dh’ atharraich sinn ar cùrsa dh’ionnsuidh na h-aird-an-iar-thuath, feuch ciod a thachradh, ’s bha fear-faire sa chrann ach tha sibhse ’gradh ’s e labhairt ris an duine uasal, nach do bhruadair sibh gu’n robh sibh a’ sgriobhadh air lic. Cha chuimhneach leam gu ’n do bhruadair, ach b’ e mo bheachd gu ’n robh an long a chunnaic mi ’m chadal a’ greasad gu ’r n-ionnsuidh; ach cha ’n urrainn mi innseadh cia mar thàinig am beachd sin ’am inntinn. Tha ni iongantach eile mu ’n chùis, tha a h-uile ni a tha mi faicinn air bòrd mar gu ’m b’ aithne dhomh roimhe e, ach tha mi làn-chinnteach nach robh mi air bòrd na luinge so riamh. Is cùis ro dheacair so; ach ciod a chunnaic Mr. Bruce? Dh’ innis Mr. Bruce dha an sealladh a chunnaic e ’s a dh’ aom an sgiobair gus a’ chùrsa atharrachadh agus b’e dearbh-bheachd gach neach a bha san luing gu’m b’i lamh an Tighearna a bha air a sineadh a mach gu teasraiginn o’n bhàs. Tha a’ chùis so gu cinnteach ro dheacair, ach a thaobh an sgriobhaidh a bh’ air an lic, theagamh gu’m bu dàna ràdh gu’n deachaidh a dheanadh leis an laimh sin a sgriobh na h-aitheantan air thùs air clàraibh cloiche, ach faodar beachd dhiadhairean foghluimte a chur an ceill. Tha cuid dhiubh ’sa bheachd gu bheil gach guth ’s gach gniomh air an comharrachadh air an àile mar tha dealbh air a thoirt a nis leis an t-solus a dh’ ionnsuidh a phaipear no na gloine, ’s gu ’n cluinn ’s gu faic aingil iad ged nach faic ’s nach cluinn daoine peacach neo-iomlan iad; ach is e ’n Dia sin a mhàin do ’n aithne an cridhe, mu ’m bheil an Salmadair a’ cur an ceill— “Feuch cha ’n eil focal mòr no beag No cainnt air bith a’ m’ bheul, Mu’n labhram sud, a Dhe nam feart, Nach aithne dhuit gu leir.”—S. cxxxix. Chaidh an sgeul so innse do ’n ùghdair le S. Mac-a-Chleirich, sgiobair air soithich do ’m b’ ainm “Julia Hallock,” do ’n d’ innis Mr. Bruce fhein e. Bha iad a’ seòladh le ’cheile anns na bliadhnaibh 1836, 1837. Fhuair Mac-a-Chleirich o Bhruce e ochd bliadhna an deigh do’n chùis iongantaich so tachairt. Chaill e sealladh air an deigh sin ’s cha ’n eil fhios aige co-dhiu a tha no nach eil e fhathast beò. Is e na chuala e uime uaithe sin gu’n do lean e air seòladh do New Brunswick, gu’n robh e na sgiobair air luing do ’m b’ ainm an “Comet” ’s gu ’n deachaidh ise a chall. Bha Bruce, deir Mac a Chleirich, ’na dhuine cho firinneach ’s a thachair riamh orm. Cha bu chomasach dithis a bhi air an dùnadh suas car da bhliadhna ann an soitheach gun iad a bhi fiosrach mu chliù a cheile. Bha sinn cho càirdeil ri dà bhràthair air bith. Labhair e gu tric mu ’n chùis iongantaich ud le fiamh ’s ann an cainnt stòlda thiamhaidh ’s mheas e ’chùis mar thachartas o’n Fhreasdal chum e fein a thoirt ni bu dluithe do Dhia ’s do shonas siorruidh. Chuirinn mo bheatha fein an geall gu’m bi an fhirinn a labhair e. Gu tric agus air iomadh doigh rinn an Tighearna rabhadh a thoirt d’a shluagh cho maith ’s “ann am bruadaraibh ’sann an aislingibh na h-oidhche ’n uair a thuiteas cadal trom air daoinibh.” A. M. ’sa Ghaidheal. NA BANA BHAIRD. Cha’n ’eil rùn oirnn cunntas farsuinn a thoirt air na Banna-Bhaird Ghaidhealach an drasd; is leòr leinn ainmean nam feadhainn a’s mò a tha air an aideachadh a chur sios ann an òrdugh an déigh a chéile. Is e ar n-iarrtus a leigeadh fhaicinn gu’m bheil mnathan am measg nan Gaidheal cho math ri fir air an do bhuilicheadh spiorad na bàrdachd,—ni a dh’fheudas a nochdadh dhuinn gu ’n robh, o cheann fhada air ais, finealtas agus grinneas a’ cliuthachadh sliochd nan Gaidheal. Tha Oisein a’ toirt f’ar comhair ’na bhàrdachd féin boirionnaich bhòidheach mar luchd-deanamh agus mar luchd-seinn ciuil is bàrdachd; ach cha ’n urrainn dhuinn gu h-achdaidh òighe sam bith a chomharrachadh a mach a’ bha ’na bana-bhàrd anns na làitheibh sgaileach ud. Tha mòran òran againn a ris, a tha iomadh linn a dh’ aòis, cuid dhiub gu’n teagamh a chaidh a dheanamh agus a sheinn le mnathan; ach aon chuid air an ainm no air an tuineachadh cha’n fhaighear sgeul. Tha e air a ràdh gur h-anns an treas linn deug a dheanadh “An Gille Dubh Ciar Dhubh”, le bana-bhàrd air nach eil ainm againn. A réir coslais is ann le te a rinneadh “Fear a’ Bhàta” mar an ceudna; agus cha’n e cainnt no guth fir a tha againn ann an “Fhir an leadain thlaith.” Is saoilidh mi gun teagamh gur h-i cainnt cridhe mna a tha anns an oran ghasda ud, “An Nochd gur faoin mo chadal dhomh.” Tha moran eile a dh’fheudadh a bhi air an ainmeachadh—orain a chaill sgeul air am parantan ach a tha air an seinn agus air an altrum gu caidreach am measg clann nan Gaidheal. Ainmicheam a nis na bana-bhaird air am bheil tomhas do eolas againn, agus aig am bheil an ainmean an oibrichean nam bard. Ban-Iarla Earraghaidheil: 15mh linn. Gheibheir cuid d’ a h-obair-sa anns an leabhar luachmhor ud a chuireadh a mach o cheann cheithir bliadhn’ deug—The Book of the Dean of Lismore, far am faighear mar an ceudna moran do bhardachd eile. Bha bàrdachd is litreachas measail am measg nan Gaidheal anns an la anns an robh mic righrean cosmhuil ri Oisean, agus ban-iarlachan cosmhuil ri te Earraghaidheil a gabhail tlachd annta. Mairi Nic Leoid: 16mh linn. Cha’n ’eil a’ bheag nach cuala iomradh air Mairi Nighean Alastair Ruaidh agus a bardachd. Rinn i aireamh oran, a’ chuid is mo dhiubh mu Chlann Leòid anns na Hearadh. Gheibhear na dh’ iartadh d’a cuid bardachd anns an t-Sar Obair. Diorbhail Nic a-Bhriuthainn: 17mh linn. Cha’n ’eil moran do òrain Nic-a-Bhriuthainn air an gleidheadh, ach “Oran do dh’ Alasdair Mac Colla.” Rugadh i ann ann an Lunga, eilean Earraghaidhealach. ’Na gne bardachd agus na doigh seinn tha i fein agus Mairi Nic-Leoid gle choismhuil r’a cheile. Silis Nic Dhonuill: 17mh linn. Rugadh Silis Nighean Mhic Raonuill, mar theirte rithe gu cumanta, ann an Lochaber. Mur ’eil i air thoiseach cha ’n eil i air dheireadh air na bana-bhaird a dh’ ainmich sinn. Tha a roinn ni’s misle agus ni’s sleamhuine na am feadhainn-san. Chuir i ri cheile aireamh mhaith do dhain is orain. An deigh bas a (Air a leantuinn air taobh 78) [TD 76] [Vol. 5. No. 11. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 19, 1896. Tha e fàs na’s coltaiche gach latha nach eil an t-àm fad as anns am faighear fuasgladh do’n cheist mhor sin a tha nis o chionn bliadhna air nntinn na Roinn Eorpa, “Ciod a dh’ éireas do Armenia?” Chuir am mort sgriosail mu dheireadh a bha ’n Constantinople o chionn ghoirid fearg air rioghachdan na Roinn Eorpa air fad, agus an diugh tha soithichean cogaidh a cruinneachadh mu dhorsan an Turcaich ’s iad deiseil gus a bhuile bhualadh go b’e uair a thig an t-òrdugh. Tha an Sultan a toiseachadh ri fhaighinn a mach nach urrainn dha a dhol air adhart a’ sgrios nan Criosduidhean moran nis fhaide. Tha e maslach gu’n deachaidh leigeil leis cho fada, ach faodar a choire sin a chur gu léir air Russia, oir air son a criochan féineil cha’n fhuilingeadhh i dragh sam bith a chur air. Ach a dh’ aindeoin ciod a their Russia no rioghachdan sam bith eile, cha bhi an fhuil neo-chiontach a chaidh a dhòrtadh ann an Armenia gun dioladh. Bhitheamaid gle thoilichte na’m b’urrainn dhuinn gach seachdainn, a dha no tri de litrichean pongail, mar a th’ againn anns an àireamh so, a thoirt d’ ar leughadairean. ’S fior thoigh leinn féin agus tha lan fhios againn gua toigh le ar càirdean a tha gabhail MHIC-TALLA, a bhi cluinntihn as gach cearna ’s am bheil Gaidheil a fuireach, ciod an cor, agus ciod a tha dol air adhart nam measg. Tha gu leòr d’ar luchd-leughaidh, sean us og do ’n aithne Gàilig a sgriobhadh, agus a tha comasach air litir phongail a chur e’ ar n-ionnsuidh ’nuair a thogras iad. Carson nach eil am barrachd dhiubh a sgriobhadh? Ged nach biodh litir ro fhada, gidoeadh ma bhios i air a cur na chéile gu dòigheil agus ma tha i toirt iomraidh air nibhibh a tha gabhail àite sa choimhearsnachd ’s am bheil i air a sgriobhadh no ma tha seanachas math eile iunte, bidh i taitneach do’n luchd-leughaidh. ’S còir do na h-uile a tha comasach air sgriobhadh gach cuideachadh is urrainn daibh a dhenamh leinn anns an dòigh so. Tha am MAC-TALLA nish na’s motha na b’ àbhaist dha bhi, agus tha e na’s doirbhe lionadh. Cuiridh iadsan a ni cuiddachadh leinn comain mhor cha’n e mhain oirnne, ach air an luchd-leughaidh uile. Litir a Ceap Nor. A CHARAID:—Tha aireamh eile de ’n MHAC-TALLA air tighinn thugam leis a phost a nochd. Leugh mi a chuid mu dheireadh de iomradh “C. C.” air a thuras do Cheap Breatuinn. Cha leugh mi facal ach sin gus an sgriobh mi an litir so d’ur n’ionnsuidh, agus dolar na broinn air son bliadhna dhe ’n deagh phaipear cheudna. Bu chòir dhomh an dolar so a chur air adhart o chionn mios, ach is fearr a dheanamh a nise fein na tuilleadh dàil a chur anns a ghnothach. Cha’n eil a bheag a naidheachdan agam aig an àm so, ach an seòrsa th’ agam bheir mi dhuibh. Tha ’n aimsir air a bhi cho mi-fhreagarrach, o chionn gdoirid, air son deanamh an fheòir, ’s gu bheil àireamh dhe na tuathanaich nach d’ fhuair crioch a chur air an obair sin fhathasd. Tha ’m feur ni’s paillte anns an àite na bha e o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha ’n t-iasgach air a bhi gle fhada air ais gu ruige so, agus mur bi e ni ’s fhearr an deigh so bithidh cuid dhe na h-iasgairean gle dhona dheth air son a gheamhraidh. ’S còir dhomh innseadh dhuibh mu thimchioll na cuairt a thug a ghriuthrach ’n ar measg o chionn ghoirid agus an dòigh anns na thachair sin. Bha mòran de ’n òigridh cruinn air frolic-luaidh anns a choimhearsnachd, ’s na measg bha aon de na caileagan a bha air ùr-thighinn dhachaidh as na Stàitean, ’s i an toiseach na griùthraich, ged bha i neo-fhiosrach air a sin. Mar bha nàdurra gu leòr, shuidh Iain agus Fionnladh, fear air gach taobh dhi, a ghabhail naidheachd nan càirdean s’ nan eòlach a th’air falbh, ’s gu de thachair ach gu ’n do thòisich a ghriùthrach air na seòid an ceann beagan làithean. Cha bu luaithe thòisich an tinneas air Fionnladh na dhùin se e fein a stigh ann an seòmar air eagal gu ’n d’ thugadh e d’ a mhàthair i, ’schaidh leis anns a chùis sin gu robh mhaith. Cha robh Iain idir cho faiceallach ’s bha a bhuil, ghabh a mhàthair fein i, ’s ghabh i gu dona i, ach is math an ni gu bheil i nis air dol am feabhas; agus cha ’n eil teagamh nach ro-mhath a ni leis na h-òganaich ud nach ruig eagal griùthraich a leas a’n cumail o dhol a chòmhradh ris na caileagan ni’s mo. Tha ’n tinneas air dol bàs a nis, gun taghal ach an ceithir teaghlaichean. Cha chòir dhomh an litir so a chriochnachadh gun iomradh gearr a thoirt air ar deagh theachdaire, Mr. Mac Odrum, á Mira. Tha e nis a’ falbh gu oil-thaigh Halifacs, an deigh a bhi saoithreachadh ’n ar measg-ne o chionn cheithir miosan, agus gu cinnteach bha sinne gle riaraichte le ghluasad anns gach dòigh. Tha e na dheagh shearmonaiche, ’s na ’n robh e ullamh foghlum, bheireadh an co-thional so gairm aonaichte dha gu ’n dàil Tha sinn an dòchas gu’n cuir a’ chléir againn teachdaire freagarrach eile thugainn air son a gheamhraidh. Tha ministeir aig Methodaich an àite so dhaibh fein air a bhliadhna so agus is bochd an ni dhuinne ma bhios sinn air dheireadh orrasan anns an dòigh sin. M. D. Sept. 3mh 1896. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 77] [Vol. 5. No. 11. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh Li Hung Chang gu Exhibition Thoronto air a thuras troimh Chanada. ’Nuair a chualas gu robh e gu bhi ann, chruìnnich sluagh mor, mu cheud mile ’n àireamh, feuch am faigheadh iad sealladh air. Rìnneadh iasgach mor air bradan ann an Columbia Bhreatunnach air a bhliadhna so. Chaidh dlùth air coig mile deug tunna dhe’n iasg a chur suas deiseil gu chur air falbh gu margadh, mu fhiach tri muillein dolair air fad. Tha na mèinnean òir a thatar air ùr-fhaighinn ann an Columbia Bhreatunnach a tionndadh a mach gu math. Tha e coltach gu bheil iad anabarrach beairteach. Chaidh té dhiubh a chreic o chionn ghòirid ri duine mhuinntir Lunnainn air muillein dolair. O chionn da sheachdain air ais bha fear Paruig Conrad agus a mhac ag iasgach faisg air Chesticook, N. S., agus thuit a mhac as a bhàta. Leum an t-athair a mach gus a shabhaladh agus chaidh e fhéin a bhàthadh. Ghreimich am mac ris a bhàta, agus chum e greim air gus ’n do rainig cuideachadh. Dh’fhàg Conrad bean agus teaghlach mor. Thill an t-Urr. I. F. Forbes bhar a thuruis do’n Roinn-Eorpa air àn t-seachdain s’a chaidh. Bha e air falbh fad thri miosan, agus ré na h-ùine sin, chuir e cuairt air Sasunn, Alba, an Fhraing, a Ghearmailt, agus Switzerland. Tha sinn toilichte chluinntinn gu’n do chòrd a thurus gu math ris, agus gu’n d’fhuair e air ais ugainn ann an deagh shlàinte. Tha duine mor aca ’n dràsda ann an cearna de Stàit Maine. Tha e sia troighean us deich òirlich a dh’airde air ceannaibh a socsaichean, agus tha e beagan thairis air da cheud punnd a chudthrom Tha e fuathasach deigheil air a bhi falbh air rothair, agus b’ fheudar dha fear fhaighinn air a dheanamh a dh’aona ghnothuch dha fhéin. ’Se s ainm dha W. H. Kelley. Fhuair gille beag, chei thir bliadhna dh’aois, le Walter Post, ann am Broad Cove, N, S., bàs air dòigh chianail a che’-la-deug gus an diugh. Bha e fhéin agus gille beag eile a’ cleasachd anns an t-sabhal; fhuair iad greim air maidsichean, agus chuireadh a chuid aodaich-san na theine le ’chompanach. Chaidh o losgadh cho dona ’s gu’n do chaochail e an ceann beagan uairean. O’n chaidh mor-roinnean Chanada aonadh ri chéile, naoidh bliadhna fichead air ais, thugadh cead-dealachaidh do dha cheud ’sa h-aon deug de chàraidean-pòsda, no mu ochd na h-uile bliadhna. Dhiubh sin ’si ’n Ard-phàrlamaid a thug cead do leth-cheud ’sa ceithir, agus na cùirtean do chach. Cha d’thugadh cead dealachaidh do aon chàraid air Eilean a’ Phrionnsa anns an ùine so. Cha’n eil e faisg cho furasda am pòsadh a bhristeadh ann an Canada ’sa tha e anns na Stàitean. Chaidh dithis dhaoin’ òga a bhàthadh faisg air St. Peter’s oidhche Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Chàidh sianar dhiubh le bàta thairis gu àite ris an canar Lynche’s River, gu frolic dhannsa a bha gu bhi ann. An uair a bha iad a tilleadh mu mheadhon-oidhche, chaidh an bàta thairis air dhòigh-eigin, agus thuit iad uile dh’ an uisge. Bha iad mu leth mile bho thir, agus mu’n d’ rainig cuideachadh iad, bha dithis dhiubh air am bàthadh. Bha cach nan deagh shnàmhaichean, agus chum iad iad-féin an uachdar. Chualas an glaodhaich le Caitriona Nic Neill, bantrach a tha fuireach faisg air laimh: chuir ise coimhearsnach dh’, Ailein Mac Neill, air à chois, agus chaidh iad a mach le bàta ’s fhuair iad an ceathrar a shabhaladh. Bha stoirm mhor uisge le tairneanaich us dealanaich ann an dé. Shil an t-uisge anabarrach trom-treis an deigh mheadhon latha. Bhuail an dealanach ann an sreath de charbadan-guail faisg air méinn Victoria, agus chuir e as a chéile nam piosan iad. Bhuail e mar an ceudna tigh aig mèinn an Rerve. Bha an t-side air an t-seachdain so gle mhath air son na buana, gus an dé, agus cha’n eil teagamh nach eil a chuid a’s mo de na tuathanaich an ìre mhath oirre, ’mur eil iad ullamh. Tha a mheirg dona air a choirce ann an àiteachan. Tha sinn a tuigsinn gu’m bheil an t-side fhliuch an deigh an grodadh a thoirt anns a’ bhuntàta. Tha ’m fiabhrus buidhe gle dhona ann an Cuba, agus a sior dhol na’s miosa mar a’s motha ’n teas. Tha an galair a deanamh sgrios uamhasach am measg nan saighdearàn Spàinteach, nach eil cleachdte ri sìde na dùthcha. Cha’n eil iadsan a fhuair an àrach ’san dùthaich fhéin idir cho buailteach basachadh leis ’sa tha dàoine theid ann á dùthchannan eile. Chaidh Padruig Wheeler, am fear a mhort Anna Kempton, a chrochadh anns a phriosan ’s an robh e air a chumail, a sheachdain gus an Di-mairt s’a chaidh. Chaidh a dhiteadh gu bàs, ged nach robh fianuis ’na aghaidh a chunnaic ris a ghniomh e, ach ’nuair a chunnaic e nach robh dhol as aige, dh’aidich e chionta. Chàidh an crochadh a dheanamh beagan roimh thri uairean ’sa mhaduinn, ann an aon de sheòmraichean a phriosain, agus gun a làthair ach an siorram agùs beagan fhianuisean. Tha bàrr math coirce air Eilean a’ Phrionnsa, agus fhuaireadh a’ chuid bu mhotha dheth a chur o fhasgadh gun dolaidh sam bith a dheanamh air, ach tha ’n siol gu bhi anabarrach saor seach mar a b’ abhaist dha bhi. Bliadhnaichean eile, cha do reiceadh an coirce uair sam bith air na bu lugha na ochd sentichean fichead am busseal, ach a reir coltais cha ’n fhaighear am bliadhna ach fichead no air a chuid a’s fhearr, coig sentichean fichead am buiseal air. Tha so gle iseal, agus air gle bheag buanachd dhaibhsan a tha ’ga thogail. Thainig bàs gle aithghearr air boirionach a bha gabhail a turuis air a “Mharion” eadar Baddeck us Sidni feasgar Di-sathairne s’a chaidh, bean Dhomhnuill Mhic Amhlaidh, taillear, an Glace Bay Bheag. Bha i ag amharc air a càirdean ann am Baddeck, agus b’ e so a tilleadh. Mu leth-uair an deigh dhi dhol air bord a’ bhàta chaidh i ann an laigse. Bha lighiche á New York air bòrd, agus rinn e gach ni a b’ urrainn e air a son, ach cha robh e gu feum sam bith; chaochail i mu’n d’ rainig am bàta Sidni Tuath. Bha i mu 54 bliadhna dh’ aois, agus ’na boirionnach a bha gle mheasail aig na h-uile bha eolach oirra. Chaidh mort gràinneil a dheanamh faisg air Moncton, N. B., oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuaireadh tigh bantraich de’n ainm Dutcher ’na theine, agus thatar a deanamh a mach gu robh i fhéin us gille beag leatha air am mort, ’s gun deach an tigh a chur na theine gus an gniomh oillteil fhalach. Fhuaireadh nighean bheag dhi a shàbhaladh o’n teine, ach bha a ceann air a ghearradh gu dona mar gu’m b’ ann le tuaigh, cho dona ’s nach eil moran coltais oìrre gu ’m faigh i thairis air. Cha’n ’eil teagamh nach ann air son a cuid airgid a mharbhadh a’ bhantrach bhochd ’sa teaghlach, oir bha i a’ cumail tigh-òil agus bha ’san ainm gu robh sporan math airgid aice, eadàr coig us sia ceud dolair. Cha deachaidh duine chur an sàs fhathast; tha amhrus trom aig da coimhearsnaich air fear-eigin, ach cha’n abair iad a bheag m’a thomchioll. Fhuaireadh na cuirp air làrach an taighe feasgar Di-haoine, ach bha iad air an losgadh cho dona ’s nach cuir iad solus sam bith air a chùis. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris;—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. [TD 78] [Vol. 5. No. 11. p. 6] NA BANA BHAIRD. (Air a leantuinn a taobh 75.) fir, chleachd i a talant a deanamh laoidhean. Caimbeul Barn: 18mh linn. B’e Donnacha Caimbeul a b’ ainm do athair Mhrs. Caimbeul Bar; bha i riamh eadar a’ Mhorairne agus Craignish an Earaghaidheil. Bha ise cosm huil ris na Caimbeulaich air fad air taobh righ Deorsa, mar a bha Nic a Bhruthainn is Nic Raonuill air an laimh eile air taobh nan Seumasach. Rinn i oran foghainteach aon uair an aghaidh a’ Phrionnsa, dh’ an do rinn Mac Mhaighstir Alastair freagairtar bu, m dugh dha ann an cainnt cho salach ’s nach cualas diog bardail as a ceann air a’ chuspair ud riamh tuilleadh. Cha’n ’eil i cail air deireadh air Mairi Seud nò air Nighean Lachuinn ann an comas bardachd. Ann an aon seadh cha’n ’eil coimeas idir eadar i fein agus iadsan: tha farsuinneachd breithneachaidh, do bhonn agus do thuigse mhodhannail innte nach ’eil idir r’am faicinn mu ’m bardachd-san. Nam biodh na laoidhean a sgriobh i air fuinn a bu thaitniche bhiodh barrachd deigh orra gu coitcheann am measg nan Gaidheal. Cairistina Nic Fherguis: 18mh linn. Rugadh a bhana-bhard so ann an Contuinn, an Siorrachd Rois, far an robh a h-athair ’na ghobha. Cha ’n eil aon do orain nam bana-bhard a dh’ ainmich sinn a tha cho ainmeil is cho taitneach ris an aon oran a rinn ise d’ a fear a thuit latha Chuil-fhodair. ’Se doimhneachd a faireachduinn agus am meas ard-anamadail a bha aice air a fear a gheibhear ’na h-orain o thoiseach gu deireadh. Tha na facail tha i ag aithris aig deireadh gach roinn—“Mo run geal og”—a’ giulan leotha moran brigh, agus a’ nochdadh nan cuspairean cliumhor air an robh inntinn agus cridhe briste na bana-bhaird a foiseachadh. ’S e so an t-aon oran is aithne dhuinn a rinn i; ach gleidhidh an fear so fein cuimhne oirre mar bhean Uilleam Siseal, aonaranachd chianail a bantrachais a’ dusgadh truais is comh-fhaireachduinn anns gach cridhe a thuigeas ciod e bron uasal mna air son fear a graidh a thug am bas uaipe. Maireard Nic Illeathain:18mh linn. Rugadh Nic Illeathain an Muile: agus theirteadh rithe Mairearad Ni’n Lachuinn. Tha Nighean Ailein air a radh rithe cuideachd; ach tha sinn a’ smuainteachadh gur h-e a’ cheud tiodal am fear ceart. Rinn i so noran do dh’ orain agus do dhain, suas ri deich thar fhichead. Ach a mach o “Gaoir nam Ban Muileach” cha’n ’eil iad ro ainmeil. Bha na fuinn agus an tomhas ranntachd a ghabh i duilich a thogail no leantuinn. Anns an rathacd so cha’n ’eil i fein agus Nic a Bhriuthainn agus Mairi Seud neo-chosmhuil ri cheile. Math no dona agus mar dh’ fheudadh am bardachd a bhi tha i cho duilich a seinn, cho mi-shimplidh, agus gu’n robh i ullamh dol a’ fasan leis a ghinealach a thigeadh an deigh nam bana-bhard. Catrine Nic Illeathain: 19mh linn. Rugadh a’ bhana-bhard so ann an eilein Chola; agus is ann air son Tighearna Chola a rinn i na h-órain a chunnaic sinn d’ a cuid. Tha a bàrdachd ni ’s taitniche air doigh na te na bana Mhuilich; ach cha’n ’eil sinn ag radh air a shon sin gu’n robh barrachd do spiorad na bardachd innte. Dùisgidh a h-òrain duilichinn ann an inntinn Ghaidhealaich ’sam bith a smuainticheas air na mi-fhortain a chuir Clann-Illeathain a Cola, agus a dh’ fhàg iad gun ainm gun oighreachd aon chuid am Muile no an Cola. Cha’n eil ioghnadh ged a bhriseadh cridhe nan Gaidheal an diugh a mach ann am bardachd, agus seann fhearann na Feinne ’ga spionadh as an laimh. Nic a Chleirich: 19mh linn. Fhuair Mrs. Clarc aite air nach ’eil i neo-airidh am measg baird dhiadhaidh an Taobh Tuath. Bha na leugh sinn d’a cuid gle thaitneach; ni b’ usa a sheinn na bardachd Mhrs Caimbeul Bar. Tha iad le cheile soisgeulach ’nan laoidhean, agus a gabhail tlachd anns na h-aon fhirinnean; ach ’nuair a tha Mrs Caimbeul Bar a’ seinn mu’n fhirinn lom tha Mrs. Clarc a’ toirt dhuinn barrachd do shugh an fhein-fhiosrachaidh Chriosduidh. Tha an dara te a’ riochdachadh faireachduinean shoisgeulaich na Gaidhealtachd mu Thuath ’nuair a tha an te eile a’ riochdachadh teagaisg luim soisgeulaich na Gaidhealtachd mu Dheas. Mairi Nic Ealair: 19mh linn. Cha’n ’eil sinn dol a dheanamh moran iomradh air Mrs. Mackellar. Tha sinn direach a toirt air aghaidh a h-ainm a ràdh mu deibhinn gu’m bheil i ann an eolas, ann an aiteach inntinn agus ann an cumhachd bardachd air thoiseach air na h-uile do na bana-bhaird eile a dh’ ainmich sinn. Dh’ ainmich sinn a nis ann an ordugh na bana-bhaird is aithne dhuinn a tha airidh air an ainm. Ma tha feadhainn ’sam bith ann air an d’ rinn sinn dearmad, agus is aithne do mhuinntir eile, bhitheamaid ro thoilichte iad a bhi air an toirt f’ ar comhair. Tha iomadh eile ann a dh’ fheudadh sinn a thoirt fainear, ach cha’n ’eil àite againn dhaibh an dràsd. ’S iomadh oran a tha againn le te g’a leannan. Tha orain againn mar an ceudna ann an clo le Piuthar Fear Scalpa; le Nighean Fhir na Reileig; le Baintighearna Ille Chalum Rassa; agus o cheann ghoirid le Baintighearna D’ Oyly. Saoilidh sinn gu bheil e ro chliumhor do “shliochd a’ Ghaidheil ghlais,” agus gu sonruichte do thuigse agus do chiall nam ban Gaidhealach, gu’n robh na h-uiread ’nam measg, a deanamh bardachd cho glic agus a sheinneadh ceòl cho grinn. Nam biodh na Gaidheil anns na linnibh a dh’ fhalbh cho fad air dheireadh agus a bu mhiann le cuid a chumail a mach, cha b’urrainn oighean is mnai ciallach, seadhail, fior-ghnethach togail is àrach fhaotainn am measg nan gleann, nam beann agus nan eilean. Cha’n fhaighear cail do leitheid so do aiteach inntinn am measg mhnathain chinneach bhorba nach d’ thainig fo rian laghan cneasda riamh. Cha’n eil sinn ag radh gu’m bheil bardachd dhomhain no fharsuinn ann an orain no ann an dain nam mnathan a dh’ ainmich sinn, ach their sinn gu’m bheil spiorad dian gleasda na bardachd air a taisbeanadh leo ann an tomhas; agus gur h-ann a tha na rinn iad ro iongantach ’nuair a bheir sinn fainear na suidheachaidhean mi-fhàbharach anns an robh iad. Cuiream sios an so ma dheireadh rann no dha Le ta g’a Leannan a leigeas fhaicinn dhuinn an dòigh anns an seinneadh na maighdeannan Gaidhealach mu ghaol: “’Sann a thug mi mo ghealladh Do dh’ fhear a’ chùil oir, Sùil is miogaiche sealladh, Gruaidh thana màr ròs; Do bheul briodalach meachair, Deud mar chailce gun spors, ’Stu’s modhaire sealladh, ’S is blasd’ o’n tig pòg. “Pòg is millse na’n sincar, Aig an fhiuran ur òg; Naile chunnaic mi uair thu ’S ann leat nach b’ fhuathach bhi ’m choir Aig a mheud ’s thug mi ghaol duit Cha ’n fhaod mi bhi beò; A nis o’n thréig thu do ghealladh Gur h-e ’m fabhar dhomh foid.” SGEULACHD. O chionn fada ’n t-saoghail ma’s fior an sgeul bha Prionnsa mòr, uaibhreach, ardaiach, ann air nach robh eagal Dé no duine, agus a bha a reir coltais ga ’mheas fhéin n’a bu ghlice na neach sam bith eile. Cha robh e gle fhàbharrach do’n chreideamh Chrìosduidh, ach aig a cheart àm cha robh e deanamh moran bacaidh air, do bhrigh gu robh mòran de’n t sluagh a bha fo riaghladh air géilleadh dha. Bha e ’s a’ bheachd gu robh aineolas an t-sluaigh agus aineolas an luchd-teagaisg na aobhar air cho dlùth ’s a bha iad a’ leantuinn ris gach òrdugh a bha ’n aidmheil a’ cur mar fhiachamh orra ’choimhead. ’S e smuaintean a bhuail ’s a cheann aige air la àraidh gu’m feuchadh e ’de an t-eolas agus an gliocas a bh’ aig an luchd-teagaisg. Bha fhios aige gu maith, gu robh iad ga ’meas fhein mòran na b’ eolaiche anns gach doigh na na h-uile neach eile, ach bha teagamh aige gu robh iad cho tuigseach, fiosrach, ’s a bha iad a’ cumail a mach. ’S e rud a rinn e chuir e fios air sagart a bha faisg air. Thàinig an sagart ’ga fhaicinn. Bha e ’n dùil nach robh dad sam bith cearr, ach o bha gne dh’fhios aige de ’n duine bh’ anns a Phrionnsa bha rudeiginn de fhiamh air na làthair. “Chuir mi fios ort,” ars am Prionnsa, “agus is maith a rinn thu tighinn, oir tha gnothach ro chudthromach agam riut. Tha thu fhein ’s gach aon de d’ sheòrsa a’ gabhail oirbh a bhi ni’s glice na mise agus gach neach de m’ sheorsa, agus o’n a tha feumaidh tu dearbhadh soilieir a thoirt domhsa air [TD 79] [Vol. 5. No. 11. p. 7] d’ eòlas agus air do ghliocas, air neo bithidh ni’s miosa dhut. Feumaidh tu tighinn an so far a’ bheil mise agus mar a freagair thu na trì ceistein a chuireas mi ort cha bhi agad ach na bheir thu ga chionn.” Dh’ fhalbh an sagart ’s e glé mhi-stòlda na ’inntinn. Bha eagal a bheatha air, ’s cha b’ ioghnadh e; oir aig an àm a bh’ ann an so bha tuilleadh ’s a chòir de chumhachd aig Righribh ’s aig Prionnsaibh; a dh’ aon fhocal, bha cumhachd beatha ’s bàis ’nan làmhaibh. ’Nuair a smuain ich e car tiotadh air a chùis, thug e fanear gu’m b’ anabarrach cunnartach an suidheachadh anns an robh e a thaobh ceisdean a’ Phrionnsa. Thug e fanear mar an ceudna cho neo-chomasach ’s a bha e do neach sam bith, a dh’ aindeoin cho eolach, tuigseach, geurchuiseach ’s g’am feudadh e bhith, ceisdean fhuasgladh an ionad nam bonn. So direach a cheart ni a bh’ aige-san r’a dheanamh seachdain o’n là ud air neo bhitheadh a bheatha g’a dhith. Cha robh comas air. Dh’fheumadh e gach cùis a ghabhail mar a thigeadh i. Uair a bhitheadh ’inntinn aig fois ’s e feuchainn ri e fhéin a striochdadh do gach trioblaid a bha air thuar tighinn ’na rathàd, ’s dà uair a bhiodh e ’smuaineachadh gu’m b’e fhéin ceann na mi-shealbh ’s a mhi-fhortain a thighinn thun an t-saoghail. Eadar a h-uile rud a bh’ann cha robh bheag a dh’ fhois aige an oidhche sin. Bha bràthair aig an t-sngart a bha, ann an cruth ’san dealbh, ’san cumadh, ro choltadh ris. Cha’n aithnicheadh neach sam bith ach neach a bha min-eolach orra fear seach a chéile dhiubh. Bha iad co coltach ri chéile ri da ubh, ’s dh’fhoghnadh sin. Nis o’n a bha car a dhith air bràthair an t-sagairt, no ann am briathramh eile, o’n a bha e ’na leth-linn ’s e an t-amadan a bh’ aca mar ainm air. Ged theirte an t-amahan ris tha e glé choltach gu’n robh e ro ghleusda ’na chainnt. Dh’aithnich e gu ’n robh an sagart, mar nach b’abhaist da bhi, fo lionn-dubh ’s fo bhròn, gun chàil do bhiadh no do dhibh, agus amaideach ’s mar a bha e dh’ fhaighneachd e ’dé bu mho a bha cur air. “De am feum dhomhsa sin innse dha d’ leithidsa,” ars an sagart. “Cha leighis thusa no neach air bith eile mo ghalair, agus mar sin, cha ’n eil aobhar dhomh a bhi tighinn air.” “Ma ta,” ars’ an t-amadan, “cha ruig thu leas gun innse, ’s mur innis thu dhomhsa e co dha dh’innseas tu e. Olc no maith mo chomhairle feudaidh i feum a dheanamh dhuit. Mar a thuirt am facal, “Comhairle an righ an ceann na h-òinid.” ’Se bun a bh’ ann dh’innis an sagart facal air an fhacal mar a bh’ eadar e-fhéin ’s am Prionnsa, ’s an cunnart ’s an robh e ’ga fhaicinn fhéin a thaobh nan ceisdean, mar fuasgladh e iad gu’n robh a bheatha gu bhi air a toirt air falbh. “Innsidh mise dhuit,” ars’ an t-amadan, “dé ni thu. Tha gach duine ’g ràdh gu’m bheil thu fhéin ’s mi fhìn, ann an cruth, ’s an cumadh, anabarrach coltach r’a chéile. Mar a thuirt am facal, ‘An rud a their na h-uile duine bithidh e fior,’ agus mar sin, cuiridh mise umam an deise agadsa ’s théid mi’n làthair a’ Phrionnsa gun fhios nach faodadh an sealbh gu ’m fuasglainn na ceistean. Ma theid agam air tm fuasgladh ’s maith, ’s mur téid cha bhi comas air. Ma’s éiginn dhomh am bàs fhulang ’s mi call mòran a’s lugha na thusa.” “Cha ’n ’eil mi deonach a muigh no ’mach air do chomhairle ’ghabhail ged a tha i mòran ni’s gleusda na shaoil mi bhitheadh i. Cha ’n ’eil mi a’ faicinn gu’m biodh e ceart dhomh do bheatha-sa ’chur an cunnart a chum mo bheatha fhéin a shàbhalach; agus a bharrachd air a sin, ma gheibh am Prionnsa ’mach gu’n robh sinn a’ feuchainn ri ’char a thoirt as ’s docha gu’n cuir e gu bàs ’nar dithis sinn. Théid mi fhin far am bheil e. “Cha b’e mo chomhairle dhuit,” ars’ an t-amadan. “’S fhearr dhuit deanamh mar a tha mi ’g iarraidh ort, agus ma’s éiginn domhsa ’m bàs fhulang bithidh ùine agads’ air do chasan a thoirt as far nach ruig am Prionns’ ort. ’S e bh’ ann dh’ aontaich an sagart mu dheireadh comhairle ’bhràthar a ghabhail, amaideach ’s mar a bha e. Nuair a thainig an la dh’ainmich am Prionnsa chuir an t-amadan deise an t-sagairt air ’s dh’fhalbh e. Nuair a ràinig e bha e car beagan ùine a’ spaisdearachd air beùlthaobh na lùchairt mu’n do dh’iarradh air a dhol a steach. Nuair a chaidh e steach ’s a sheas fa chomhair a’ Phriinnsa cha’n aithnichte air doigh sam bith nach e ’n sagart a bh’ann. “Tha mi ’faicinn gu’n d’thainig tu,” ars’ am Prionnsa, “’s tha mi ’n dòchas gu’m freagair thu gach ceist a chuireas mi ort.” “Le’r cead,” ars’ an t-amadan ’s e freagairt, “ni mi mo dhìchioll air am fuasgladh gun teagamh, ach feudaidh e bhi nach urrainn mi.” (Air a leantuinn air taobh 80.) C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 80] [Vol. 5. No. 11. p. 8] Cuir a Chinn Dileas. Cuir a chinn dìlis, dìlis, dilis, Cuir a chinn dìlis tharam do làmh, Do ghorm shùilean thairis A mhealladh na mìltean, B’ amaideach mi ’Nuair thug mi dhut gradh. Mi ’m shuidh’ air an tulaich air iomall ná cuirte ’G amharc mo rùn ’s i ’n ionad ro àrd; Thug i le fionnarachd sealladh de ’sùil dhomh. ’S thionndaidh i cùlthaobh seachad air bàrr. Cuir a chinn dilìs. etc. Sheall mi a’m dhéigh gu fradharc dhi fhaotainn, ’S chunna mi h-aodann, farasda, tlàth; Chunna mi sealladh a mhealladh na mìltean, ’S amaideach mi, ’s nach fhaigh mi na pàirt. Tha maise ’nad bhilean, cha’n aithris luchd-ciuil e, Togaidh tu sunnd an tallachan àrd; Leagar leat seachad sàr-ghaisgich na dùthch’ Le sealladh do shùl, ’s le giulan do ghnaths. Do dhearc-shuilean glana, fo mhala gun ghruaimean, ’S daingeann a bhuail iad mise le d’ ghràdh; Do ròs-bhilean tana, seimh, farsda suairce— Cladhaichear m’ uaigh mur glac thu mo làmh. Dò bhràighe na ’s gile na canach na dìge, Chìteadh dol sìos am fion-bhainne blàth; ’S iomadh rud eile—cha ’n ’eil i ri fhaotainn Idir ’san t-saoghal, aogas mo ghràidh. Do ghruaidh mar an corcur, beul socair o’m binn sgeul, Deud mar na dìsnean, finealt a dh’ fhàs; Do shlìos mar an eala, ’s do mheall-shuilean mìogach, Thàlaidh thu m’ inntinn, ’s cha till i gu bràth. SGEULACHD (Air a leantuinn o thaobh 79.) “’S i cheud cheisd a chuireas mi ort,” ars am Prionnsa “i so:—Cait am bheil meadhon an t-saoghail?” “Ma ta, le’r cead, innsidh mi sin dhuibh ann an tiotadh,” ars an t-amadan ’s e toirt ceum no dha gu meadhoin an t-seomair ’s a’ cur a bhata na sheasamh ann, “tha meadhon an t-saoghail direach far am bheil am bata. “De ’n dearbhadh a bheir thu dhomh gur e sin meadhon an t-saoghail?” ars’ am Prionnsa. “Le’r cead,” ars’ an t-amadan, “’sann a thàinig mise a dh’fhuasgladh nan ceisdean a bha sibh gus a chur orm, agus mar fhuasgladh do’n cheisd a chuir sibh, dh’ innis mi dhuibh a cheart bhad anns am bheil meadhon an t-saoghail, agus ma tha sibh a’ cur teagaimh sam bith ’s a’ chùis cha ’n eil agaibh ach tomhaisibh an ìar ’s an ear, a’ tuath ’s a’ deas, ’s ma gheibh sibh aon òirleach a bharrachd air taobh seach taobh fuilingidh mise air a shon.” “Rinn thu chùis orm, tha mi faicinn, ach tha dà cheisd eile agad fhathast ri ’m fuasgladh,’ ars’ am Prionnsa; “’si so té dhiubh— ’Dé ’s fhiach mi ’n t-saoghal?” “Ma ta, le’r cead, innsidh mi sin duibh cuideachd,” ars’ an t-amadan, “tha mi ’n duil nach fhiach sibh peighinn a bharrachd air fichead bonn airgid.” “Ach,” ars’ am Prionnsa, “’dé ’n dearbhadh a bheir thu dhomh nach fhiach mi ach fichead bonn airgeid?” “Bheir, le’r cead, so,” ars’ an t-amadan, “reiceadh Mac Dhé airson deich-buinn-fhichead airgid, agus b’fhiach e deich buinn a bharrachd oirbhse co-dhiu.” “Tha mi riaraichte leis an fhreagairt, ach tha ceist eile agam ri chur ort,” ars am Prionnsa, “agus so agad i.—Co air a tha mi ’smaointeachadh an drasta?” “Ma ta, le`r cead innsidh mi sin duibh cuideachd, tha sibh a smuaineachadh gur e ’n sagart a tha bruidhinn ribh, ach cha’n e th’ ann ach an t-amadan a bhràthair.” “Ma ta, gu cinnteach, ’s ann a tha ’n t-amadan ann mise agus cha’n e thusa,” ars’ am Prionnsa, “Feudaidh tu bhi falbh ’s cha chuir mise dragh no trioblaid ort fhéin no air do bhràthair gu bràth.” STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. SANAS. Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air pris iseil, rach a choimhead air D. J. DOMHNULLACH D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHACTALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. [TD 81] [Vol. 5. No. 12. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 26, 1896. No. 12 Laoidh. O athair shìorruidh—Dhe nam Feart, A chuir an cuan fo gheill le d’ neart, Tha toirt na h-àithne mhoir do ’n mhuir, ’S a crìochan roimhp’ air tùs a chuir— An ùrnaigh eisd ’tha ’g eirigh uainn, As leth na dream ’tha ’n gàbhadh cuain. O Chrìosd, a chuir an fhairg’ fo fhiamh, ’S a chaochail fearg nan stuadh gu fiath, A shiubhail aghaidh gharg a’ chuain, ’S a ghabh ’s an stoirm gu ciùin do shuain— An ùrnaigh eisd ’tha ’g eireigh uainn, As leth na dream ’tha ’n gàbhadh cuain. O Spioraid Naoimh, a laigh o chian Air bhàrr na doimhe duibh, gun rian, A chaisg gach buaireas borb is strith, ’S a shìolaidh gleachd nan dùl gu sìth— An urnaigh eisd ’tha ’g eirigh uainn, As leth na dream ’tha ’n gàbhadh cuain. A Thrianaid mhòr nam buadh ’s nan gràs, D’ar bràithrean bi ad sgiath ’s gach càs; Bho nàmh, bho chreig, bho theine ’s sian, Gach àird g’ an seòl iad dean an dìon ’N sin eiridh dhuit, o mhuir is tìr, Ard laoidhean-molaidh ait, gu sìor. Fasachadh Ghlinn-Garaidh. O Albainn ’s dlùth dhuit cumha bròin, Thig cionta fògraidh ’s ancheart ort, Rughaidh tu ’n tuil fol’ is dheur Air son d’ eucoir do d’ chultaic. Na treibhdhirich ’bu dìon duit riamh, A sgap thu cian ’s nach till ad fhaicinn, No thogail d’ éiric do d’ nàmh, A reubas tu gu bàs gun aichmheil. U. LIVINGSTON. Bha daoine treuna, ainmeil, gaisgeil ann an Gleann-Garaidh anns na làithibh o shean. Ann am bliadhna Thearlaich dh’ éirich sia ceud ceatharnach sgairteil le Mac Mhic Alastair ann an aobhar a’ Phrionnsa agus lean iad e u sliabh Chuil-fhodair. Ach mu dh [?]read[?] in an t-uachdaran cho leibideach riutha ’s gun d’ fhàg moran diubh an dùthaich gu dhol gu America. Chaidh cuid diubh do na Staitean Aonaichte, agus chaidh feadhain eile do Chanada, far an d’ thug iad Gleann-Garaidh mar ainm air an earrainn sin de’n tir anns an do ghabh iad còmhnuidh. Ach chaill Mac Mhic Alastair e féin an oighreachd sin bho’ n d’ fhuadaich e air falbh an sluagh, agus tha i nis ann an lamhan choigreach. Nuair a bha an t-oighre ’na leanabh agus a bha riaghladh na h-oighreachd ann an lamhan na bain-tighearna, a mhathair, chuir i air falbh a h-uile duine a bha ann an Cnòideart, leag i na taighean, agus chuir i teine riutha gus an losgadh mar a bha Padruig Seller a’ deanamh ann an Cataobh. Bha cuid de theaghlaichean anns an robh mnathan agus clann òg, mhaoth, a mach air an tom fad na h-oidhche, gun fhàrdoich, gun fhasgadh, ach na gheibheadh iad anns a’ chuid a bha ’nan seasamh de bhallachan nan taighean ris an do chuir iad cabair an àird air an do sgaoil iad plaideachan gus a’ ghaoth a chumail o bhi séideadh orra. Bha seann duine, Iain Dughallach, aig an robh teaghlach. Bha e ann an euslainte, agus bha dithis mhac aige ann an Eilginn ’nan laidhe gu tinn leis a’ bhric. Dhiùlt e falbh aig an àm sin, gus an rachadh e am feobhas, agus an tigeadh na mic aige dhachaidh na’n leighiseadh iad o’n bhric. Ach thainig am bàillidh agus na maoir gus an tigh a leagail, chuir iad a mach Iain Dughallach as an tigh, thilg iad an airneis a mach air an dorus, agus leag iad an tigh gu làr. Fad na h-oidhche bha an teaghlach bochd sin a mach air na cnoic fo na speuraibh lom, gun dion, gun fhasgadh. Nuair a dh’fhalbh na maoir, chruinnich Iain Dughallach na Clachan agus am fal ri cheile, chuir e suas iad ’nam balla, chuir e cabair ’nan seasamh an taice ris a’ bhalla, agus air na cabair sin sgaoil e plaideachan, seann siùil, agus sgrathan gu seorsa de dhion a chuir fasgaidh air féin ’s air a theaghlach. Ach mo thruaighe! an ceann seachduin phill na maoir air an ais agus leag iad am bothan dìblidh aige gu làr. Cha’n eil an so ach aon saimpleir de ’n obair chruaidh a rinn Baintighearna Mhic ’ic Alastair ann an Cnòideart. Bu shearbh ri innseadh an sgeul na’n cuireamaid an ceill a h-uile gniomh ain-iochdmhor a rinn a’ bhean so air an t-sluagh bhochd gus am fògradh a mach as an tir gu caoraich agus féidh a chur ’nan àite. Ach thainig e mu’n cuairt ann am Freasdal De gu’n do chaill teaghlach Mhic ’ic Alastair an oighreachd. Cha’n eil ainm no iomradh orra ann an tir an sinnsear, agus cha’n iongantach e. Is gann a gheibhear aon dhe ’n fhine Dhonullaich ann an Gleann-Garaidh no ann an Cnoideart. Dh’ fhuadaich Mac ’ic Alastair an toiseach air falbh an sluagh as an tir, agus chuir Breitheamh na talmhainn a rithist air falbh Mac ’ic Alastair. “Leis an tomhas le’n tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a rìs.—Highland News. Thatar a deanamh a mach gu bheil fiach ceud-gu-leth muellein punnd Sasunnach, (£150,000,000), aig muinntir Bhreatuinn fad na h-uine air an uisge. Tha sin a’ gabhail a stigh shoithichean agus an luchdan. DUAIS AN DUINE SPIOCAICH.—Chaidh duine a bha glé ghaolach air a chuid airgid uair a dh’ amharc air dotair air son miar ghoirt a bh’ aige. Chuir an dotair a mhiar air dòigh, agus an sin dh’fheoraich an duine ciod a bha dhith air air son a dhragha. “O,” ars an dotair, “cha mhor an obair sid, ’s cha ’n iarr mi sion ort.” Bha an duine car bodhar agus shaoil leis gu’n do dh’ ainmich e suim araid. Ars esan, “O tha sin tuilleadh us daor; feumaidh tu tigh’n a nuas beagan;” Thuig an datair mar a bha chùis. “Glé cheart, mata,” ars esan, “thoir dhomh dolair gu leth, ’s o’n is tu fhéin a th’ ann cha’n iarr mi ’n còrr ort.” Phàigh an duine n dolair gu leth ’s dh’ fhalbh e dhachaidh gu toilichte, an duil gu robh e ’n deigh an dotair a thoirt a nuas an phris. Leis cho math ’sa thatar a deanamh nan soithichean anns na bliadhnaichean so, tha beatha an t-seòladair an diugh gu math na’s tearuinte na b’ àbhaist dha bhi. O chionn da bdliadhn’ deug air ais, bha fear as a cheud ’sa sia a bha dol thun na mara a’ call a bheatha; anns na bliadhnaichean so cha’n eil ach fear as an da cheud ’s da fhichead ’sa sia deug air a chall. Tha Comunn Gàidhlig ann an Ard-Sgoil Mount Melleridh ann an Eirinn, agus tha na sgoìlearan a’ gabhail deich àireamhan fichead de “Irisleabhar na Gaidhlige” gach mios. Carson nach deanadh Comunn eiginn Albannach a leithid sin air son MHIC-TALLA? Tha fiach cheithir fichead muillein punnd Sasunnach (80,000,000) de dh’ òr ’s de nèamhnuidean luachmhor ann an grunnd a chuain eadar Breatuinn agus na h-Innsean an Ear. Sean Fhacail. An saoghal ’na bhutaras, is Sutar ’na Sheamarlan. An t-eun a’ teannadh ris an sgàth. An t-uan ni’s glle na mhàthair, ’s a mhàthair ni’s gile na an sneachda. An tuagh a thoirt a làimh an t-saoir. An uair a bhios a mhisg a stigh, bidh an ciall a muigh. An uair a chluinneas tu sgeul gun dreach, na creid e. An rud nach faic suil cha chiurr cridhe. An t-uan ni’s duibhe na mhàthair. [TD 82] [Vol. 5. No. 12. p. 2] MAR FHUARADH A MACH AMERICA. ’An toiseach an fhoghair sa’ bhliadhna 1492, chuir Columbus fa sgaoil mu éirigh na gréine, ann an làthair sluaigh mhòr, a thog an ùrnuigh suas as a leth gu neamh, a’ guidheadh gu dùrachdach gu’n soirbhicheadh leis, ge nach robh dùil sam bith aca gu’m buadhaicheadh e anns na bha ’na bheachd. Cha robh aig each tri loingeis, agus cha robh iad sin féin ach beag. Bha annta so ceithir fichead pearsa ’sa deich, a chuid bu mhò dhiubh ’nan seòladairibh; a bhàrr air àireamh bheag eile a chaidh leis air tòir na dh’fheudadh iad a bhuannachd; agus cuid do uaislibh na Spàinne a chuir a’ bhan-righ a mach maille ris. Rinn e ’ghabhail gu dìreach airson nan eileanan sin ris an abrar na Canaries; ’s an déigh dhoibh an loingeas agus gach acfhuinn a bhuinneadh dhoibh a cheartachadh, agus gach uidheamachadh eile bha feumail a dheanamh, ghabh e ’chead deireannach do’n àite sin, air an t-sèathamh là do mhoìs meadhonach an fhogharaidh. ’S ann a nis a thòisich e air an turus fairge bha ’na bheachd: stiùir e gu dìreach an iar: threig e gach àird, agus gach slighe fairge, air an do sgaoileadh, gus a sin, seòl, agus ghabh e’n cuan mòr fo ’cheann. Cha deachaidh e fada air aghaidh air a’ cheud là; oir cha robh deò soirbheis ann: ach air an ath-là rinn e folach-cuain air na h-eileanaibh a dh’fhàg e: bha iad a nis gu buileach as a shealladh. Thuit na seòladairean a nis gu dìobhail misnich, ’nuair a thug iad fainear an ni eagallach a bha ’m beachd an duine so, ag iarraidh saoghail ùr air nach cualas riamh iomradh; bhuail iad air an uchd le uamhas, agus shil an deòir gu frasach, a’ smuaineachadh nach tigeadh an là a chitheadh iad cladach tuillidh. Bhrosnuich Columbus iad gu misneach, a’ toirt cinnte dhoibh gu’n soirbhicheadh leò, agus a’ cur an ceill doibh an saoibhreas mòr a chosnadh iad dhoibh féin anns na dùthchannaibh tarbhach ùr chum an robh e nis ’gan treòrachadh. Thuig Columbus gu tràth o ghiùlan gealtach, meath-chridheach a luchd-leanmhuinn, gu’n robh aige ri strì, cha’n e ’mhàin an aghaidh nan doilghiodas a bha fuaighte ris an turus chunnartach air an robh e dol, ach mar an ceudna an aghaidh cur-iomchoir’ agus gearan nan daoine meata a bha maille ris; agus mhothaich e gu’n robh seòltachd agus toinisg co feumail chum inntinn dhaoin’ a cheannsachadh ’s a bha eòlas, tuigse, agus teòmachd ann an toirt nan loingeas gu tèaruinte as gach gàbhadh. Bu mhath dhàsan agus d’a dhùthaich nach do sheas ceannard air luing bu fhreagaraiche air gach dòigh na esan chum cur an aghaidh gach cruaidh-chàs. Bha e innleachdach, àrd-thogarrach, dàna, agus cruadalach; agus air an làimh eile, bha e foighidneach, stuama, agus seasmhach; eòlach air an t-saoghal agus air nàdur dhaoinibh, suairce, modhail ’na chainnt, agus fearail na ghiùlan, ionnus gu’n robh aige gach buaidh a bha feumail a chum urram a chosnadh agus smachd a sheasamh: os ceann gach ni, cha d’ amhairc maraiche riamh ann an cridhe fuaraidh a thug bàrr air, ni nach feudadh gun a thoirt air daoinibh làn-earbsa chur ann, ann an àm cunnart no gàbhaidh. An déigh dhoibh bhi mios aig fairge, agus an sgioba an impis fairtleachadh air le’n gealtachd cheannairceach, mhothaich iad mu dheireadh comharan a dhearbh dhoibh gu’n robh iad a’ dlùthachadh gu tìr. Ràinig an luaidh-thomhais a thilg iad a mach grinneal na fairge, agus thuig iad air coslas na làthaich athàinig a nìos nach robh am fearann fad’ air falbh. Bha sgaoth eun a teachd dlùth dhoibh air gach taobh, ’s a’ fàs ni bu lionmhoire o àm gu h-àm: cha’n e amhàin eòin mhara, ach mar an ceudna eòin tìre nach b’urrainn itealaich fad’ o’n tràigh. Mhothaich sgioba aoin de na soithichibh, cuilc a’ snàmh air an fhairge, a ghearradh do réir coslais a chionn là no dhà, agus mar an ceudna, mìr maide air a shnaidheadh gu h-ìnnleachdach. Thog muinntir aoin eile do na loingeis geug craoibhe air a h-ùr bhuain, air an robh dearcan dearga. Bha coslas ùr air na neòil mu thimchioll na gréine ’an am dhi dol fodha. Bha’n oiteag ni bu chiùine agus ni bu bhlàithe. Rè na h-oidhche, bha’n soirbheas air ais agus air aghart o gach àird. O na nithibh so thuig Columbus gu’n robh iad dlùth do thir. Bha e co dearbh-chinnteach as a so, ’s gu’n d’ àithn e air feasgar an aoin-là-deug do mhios deireannach an fhogharaidh, an déigh ùrnuigh fhollaiseach a chur suas, na siùil a phasgadh, agus luchd-amhairc fhurachair a churair freiceadan, ’an earralas nach dlùthaicheadh iad gun fhios doibh air tìr. Fad na h-oidhche sin, anns an robh dòchas agus dùil gach aoin co àrd, cha d’ thàinig codal air sùil. Bha gach aon air clàr-uachdar na luinge; cha do theiring duine. Bha gach sùil gu dian iomaguinneach ag amharc a mach ris an àird o’n robh dùil aca a’ cheud sealladh air tir-mòr fhaotainn, miann an cridhe agus dùrachd an anma. Tamull beag roimh mheadhon oidhche, nuair bha Columbus ’na sheasamh ann an toiseach na luinge, chunnaic e solus fada uaithe, agus comharraich e e a mach e do dhithis dhaoine bha ’nan seasamh làimh ris. Chunnaic iad ’nan triuir an solus a’ gluasad o àite gu àite; agus, beagan an déigh sin, chualas o h-aon do na longeis a bha ’sa chuideachd, an iolach aoibhneach TIR, TIR. Ach mhealladh iad co tric le baoth-choslais, ’s gu’n robh iad a nis an-amharusach ’nan inntinn. Dh’fhuirchi iad, uime sin, ann an iarguin iomaguineach ri tilleadh an là. Cha luaithe bhris faire na maidne na dh’ fhalbh gach aobhar-eagail, agus amhruis: chunnaic iad eilean sèa mìle mu thuath dhoibh, le ’mhachraichibh lurach uaine, le ’choilltibh àrda dosrach, air ’uisgeachadh le aibhnichibh fionnar, nithibh a thug gnè bheachd dhoibh air maise na dùthcha àluinn a bha rompa. Thog gioba na luinge sin, a fhuair a’ cheud sealladh air tìr, laoidh mholaidh do Dhia, agus cho-fhreagradh an fhuaim o gach aon do chàch le deuraibh aoibhneis, agus àrd-cho ghàirdeachas anma. Cha luaithe chuir iad an taingealachd do nèamh an céill, na thaisbein iad an àrd-mheas do ’n Cheannard. Thilg siad iad féin aig a chosaibh, air an irioslachadh le cuimhn’ air an aineolas agus am mi-shuairceas d’a thaobh, a choisinn doibh féin agus d’ an Ceannard co liuthad trioblaid. Dh’ amhairc iad a nis air mar dhuine air a shoilleireachadh o nèamh, aig an robh eòlas agus misneach thairis air a’ chuid eile do ’n chinne-dhaoine, trid an robh comas aige na bha na bheachd a thoirt gu crìch. Co luath ’s a dh’eirich a ghrian bha gach geòla mach, agus an sgioba annta fo’n armaibh; dh’ iomair iad air falbh a dh’ ionnsuidh an eilein le ’m brataichibh riomhach, le ceòl curanta buadhar, agus leis gach mòralachd cogaidh eile a b’ urrainn doibh a nochdadh. ’Nuair a dhlùthaich iad air an fhearann, mhothaich iad gu’n robh àireamh mhòr shluaigh rompa, a chruinnich ’nuair a chunnaic iad na loingeis, a’ taisbeanadh ’nan giùlan gu léir an t-iongantas agus an t-uamhas leis an do mhothaich iad gach sealladh coimheach, agus cuspair ùr a bha nis ’nam beachd. B’e Columbus a’ cheud duine o’n Roinn-Eòrpa a sheas riamh air an t-saoghal ùr so a fhuair e féin mar so a mach. Bha e air éideadh ann an culaidh dhreachmhor eireachdail; bha claidheamh rùisgte ’na làimh. Lean a chuid dhaoine e; agus a’ tuiteam air an glùinibh, phòg iad am fearann a bha na h-uiread fhadail orra chum a ruigheachd. Thog iad crois, agus ’gan sleuchdadh féin, thug iad taing do Dhia a thug ceann-criche co sòlasach air an turus. Ghabh iad an sin seilbh san dùthaich, an ainm ban-righ na Spàinne, leis gach cleachdadh a bha cumanta san linn sin. Chuartaich muinntir na dùthcha iad, a’ tabhairt aire le ioghnadh agus le urram fiamhach do na nithibh a bha na Spàinnich a’ deanamh; ged is beag a bha fios aca, mo thruaighe! ciod bu chiall da. Bha éideadh nan Spàinneach, gilead an craicinn, am feusagan, an airm, agus gach ni eile ’nan aobhair iognnaidh dhoibh. Lion na soithchean mòr anns an d’thàinig iad o’n chuan, a bha, air leo, a gluasad air an fhairge mar gu’m b’ ann le sgiathaibh, agus o’n d’ thainig fuaim co uamhasach lasrach, le tairneanach, le dealanach, agus le smùid co eagallach; lion na soithichean so iad le oillt agus uamhann. Smuainich iad nach bithean cruchaichte a bh’ annta, ach clann na gréine, a theiring, car tamuill a dh’ ionnsuidh an t-saoghail so. Ma bha iongantas air na h-Innseanaich bhochda, ’s gann a bu lugha bha air na seòladairibh: bha gach craobh, agus gach lus annasach dhoibh. Bha ’m fearann, do reir coslais, tarbhach, ge nach do threabhadh riamh e. Bha ’n cearna so do’n domhan teith leis na Spàinnich, ach an déigh so uile, ro thaitneach. Bha ’n luchd-àiteachaidh gu lom rùisgte ann an neo-chiontas nàduir. Bha ’m falt fada dubh [TD 83] [Vol. 5. No. 12. p. 3] a’ snàmh air an guaillnibh, no air ’fhigheadh na chaisreagaibh dualach mu thimchioll an cinn. Bha neul nan daoine, ruadh; bha ’n aogas neo-chosmhuil ri aon ni riamh a chunnaic iad san Roinn-Eòrpa; ach an déigh sin, gun bhi idir mi-thaitneach; bha sealladh an gnùise caoimhneil, caomh, agus fiamhach. Ge nach robh iad àrd, bha iad air dheagh chumadh, easguidh, fuasgailteach. Bha iad nàrach, athach air tùs; ach ann an ùine ghoirid chinn iad ro ionmhuinn mu na Spàinnich, agus le gàirdeachas anabarrach ghabh uatha cnaipeanan, aigileanan gloine, agus faoineachd eile do’n t-seòrsa sin, ann an iomlaid aon ni a bh’ aca r’a sheachnadh. Thill Columbus mu fheasgar a dh’ ionnsuidh na luinge; lean mòran do na h-Innseanaich e, ann an sgothaibh fada caola a chladhaich iad a mach o chalpa chraobh mòra a leag iad, a shnaidh iad gu cumadh, agus a dh’ ìomair iad gu h-eutrom seòlta. Mar so fhuaradh a mach America; agus mar so, ann an càirdeas, agus deagh rùn, choinnich luchd-àiteachaidh an t-seann t-saoghail agus an t-saoghail ùir, làn-thoilichte taobh air thaobh le chéile. Bha na Spàinnich fiosrach, eòlach, agus sanntach; thuig iad cheana co luachmhor ’s a bhiodh na cearna so do’n dùthaich; ach ’s beag fios a bh’ aig na h-Innseanaich bhochda aineolach, ged a bha iadsan sòlasach, co liuthad àmhghar, uamhas, agus fòirneart a bha ’na lorg so ri éiridh dhoibh.—Leabhar nan Cnoc. Far am bi an Toil bidh an Gniomh. LE FIONN. RUAIRIDH MOR.—Madainn mhath dhuit a Cholla; tha toil agam turas a ghabhail an diugh, agus thainig mi a dh-iarraidh tacain d’ an làir bhàin agad. COLLA BAN.—Gheobhadh tu sin le deadh dheoin agus le m’ uile chridhe, ach tha agam fhein ri dol a’n mhuileann air toir mine do ’n mhnaoi. RUAIRIDH.—Cha ’n ’eil am muileann a’ dol an diugh; chuala mi fhein am muillear g radh gu’n robh an t-uisge ro iosal. COLLA.—Is cearr an gnothach sin. Feumaidh mi falbh do ’n bhaile-mhargaidh cho luath ’s is urrainn domh, oir chuireadh mo bhean a mach as an tigh mi na ’m biodh an geàirneal falamh. RUAIRIDH.—Caomhnaidh mise an dragh sin duit, oir tha pailteas mine agam; bheir mi dhuit an coingheall na chuireas seachad sibh gus an atharraich an t-sid, agus am bi uisge ann air son a’ mhuilinn againn fhein. COLLA.—Cha chordadh a’ mhin agadsa ri m’ mhnaoi-se; tha i ro dhuilich a thoileachadh ann am min. RUAIRIDH.—Biodh i cho ailleasach ’s a thogras i, cordaidh i rithe; nach ann bhuait fein a cheannaich mi an siol, agus thuirt thu rium nach robh na b’ fhearr riabh agad. COLLA.—Ma’s ann bhuamsa a fhuair thu an siol feumaidh e bhi math; cha robh droch shìol riabh am shabhal. Cha ’n ’eil duine air an t-saoghal, fhir mo chridhe, do ’m bu luaithe a nochdainn caoimhneas no do ’n deanainn comhstadh na dhuit fhein; ach dhiùlt an làir bhàn a ceannag fheoir an diugh ’s a’ mhadainn, agus is mor m’ eagal nach ’eil i comasach air falbh leat. RUAIRIDH.—Na biodh eagal ort; bheir mi fhein dhi gu leoir de shiol air an rathad. COLLA.—Tha ’choltas air an latha a bhi ceòthar; bidh an rathad sleamhain agus cha n eil fhios agam nach rachadh tu fhein agus an làir as an amhaich. RUAIRIDH.—Cha ’n eagal duinn; tha an làir bhàn math a chumail a cas—thoir a mach i. COLLA.—Nach mi-fhortanach an gnothach gu bheil an diollaid air dol à sagaid; agus tha an t-srian air falbh ga ’càradh. RUAIRIDH.—Tha an da chuid diollaid agus srian agam fhein. COLLA.—Cha fhreagair do dhiollaid-sa do ’n làir bhàin. RUAIRIDH.—Mur freagair gheobh mi coingheall diollaid Iain Thomais. COLLA.—Cha fhreagair diollaid Iain Thomais na ’s fhearr na do dhiollaid fhein. RUAIRIDH.—Theid mi a suas do ’n tigh-mhor; is aithne dhomh fhein an gille-stàbuil, agus tha fhios agam gu ’m faigh mi te am measg nam ficheadan a tha an sin a fhreagras do ’n lair bhain. COLLA.—Cha ’n eil teagamh nach fhaigh a charaid; cha ’n eil duine fo ’n ghrein do’ m bu deise mi gu comhstadh a dheanamh na thu fein, agus gheobhadh tu an lair bhan le m’ uile chridhe, ach cha deachaidh cìr air a gath-muinge o chionn mios, agus na ’m faiceadh daoine i anns a’ bhaile mar tha i bheireadh e a nuas a pris gu mor na ’n rachainn ga ’reic. RUAIRIDH.—Cha ’n fhada ghabhas duine a’ cur eich on ordugh. Ni an sgalag agam fhein a h-uidheamachadh am beagan uine. COLLA.—Cha ’n eil teagamh air sin, ach ma ’s math mo chuimhne tha i am feum a cruidheadh. RUAIRIDH.—Cha ’n ’eil a’ cheardach fad as. COLLA.—An e gu ’n leiginnse leis a’ ghobhaìnn mhòr an lair bhana chruidheadh! Cha ’n earbainn m’ asail ris. Cha leig mi le gobhainn sam bith ach fear an Tuim-uaine an lair bhan a chruidheadh. RUAIRIDH.—Nach fortanach gu bheil agam ri dol seachad air dorus na ceardaich sin; gheabh mi a cruidheadh ’s an dol seachad. COLLA.—(Agus e a’ faicinn a ghille-stabuil aig ceann an t-sabhail).—An cliunn thu, Iain! IAIN.—Tha mi a’ cluinntinn; ’d é b’ àill leibh? (Agus e a tighinn a dh-ionnsuidh mhaighstir.) COLLA.—So agad Ruairidh Mor ag iarraidh coingheill d’ an lair bhain; tha fhios agad gu bheil creuchd air a druim cho mor ri m’ bhois. (Chaog e ri Iain.) Seall an do leigheis i. (Thuig Iain ciod a bu chiall do ’n chaogadh agus dh’fhalbh e.) Tha mi a’ smuaineachadh gu ’m bu choir do ’n chreuchd a bhi slan a nis. Tha mi toilichte gu bheil e am chomas comhstadh a dheanamh dhuit; feumaidh daoine a cheile a chuideachadh anns an t-saoghal so. Is briagh leam fhein daoine fhaicinn cairdeil agus comhstach. Na ’n dhuilt mi thu an toiseach theagamh gu ’n deanadh tusa a’ cheart leithid ormsa aig àm eile. Tha mise de nadur cho soirbh nach urrainn domh caraid a dhiùltadh. (Iain a’ tilleadh as an stabul.) A bheil a’ chreuchd air leigheas? IAIN.—Air leigheas! Cha bhi craicionn slan oirre an ceann mios. Thuirt sibhse gu ’n robh an lot mu mheud ur boise; cho mor ri beantaig a bu choir dhuibh a radh. Cha chuir a lair bhan cas foidhpe air a’ mhios so. COLLA.—Tha mi ro dhuilich, a charaid, gu bheil gnothaichean mar tha iad, oir bheirinn an saoghal air son do sheirbhiseachadh aig aa àm so; ach tha thu fein a faicinn nach ’eil e am chomas. RUAIRIDH.—Tha mi ro dhuilich a chluinn sinn air do sgàth fhein. Bha litir agam bho ’n ard-mhaorchoille ag- iarraidh orm tighinn a stigh do ’n bhaile na ’choinnimh; tha e ’dol a shuidheachadh gearradh na coille orm. B’ fhiach so cuid mhath dhomhsa, agus bha mi an duil a’ chairteireachd a thoirt duitse, agus b’ fhiach sin leth do mhail dhuit; ach— COLLA.—Leth no mhail! a dhuine chride RUAIRIDH.—Theagamh tuilleadh ’s sin; ach bho nach urrainn duit an lair bhan a thoirt dhomh is fearr domh taghal air Iain Mòr a dh’fheuchainn an toir e dhomh an t-each glas. COLLA.—Nàraichidh tu mise ma ni thu sin; stad, stad, agus gheobh thu an lair bhan. An e gu ’n diultainn an caraid is hearr a th’agam. RUAIRIDH.—Ciod a ni thu air son mine do n’ mhnaoi? COLLA.—Tha ’s a’ gheairneal na dh’ fhoghnas dhi gu ceann ceithir la deug fhathast. RUAIRIDH.—Ach nach ’eil do dhiollaid à sgaid? COLLA.—Is i an t-seann te a tha mar sin. Tha te ùr agam air nach do shuidh duine riabh, agus gheobh thu a’ chiad latha dhi le m’ uile chaidhe. RUAIRIDH.—An cruidh mi an lair bhan aig ceardach an Tuim-uaine anns an dol seachad? COLLA.—Cha robh cuimhne agam gu ’n d’ fhuair mi a cruidheadh aig a’ ghobhainn mhòr a dh’ fhaicinn ciod an dreach a chuireadh e oirre, agus, a dh-innseadh na firinn, rinn e an gnothach na b’ fhearr na shaoil mi a dheanadh e e. RUAIRIDH.—Nach d’ thuirt Iain riut gu’n robh creuchd air a druim cho mor ri beantaig? COLLA.—Cha ’n ’eil annsan ach an t- (Air a leantuinn o thaobh 88.) [TD 84] [Vol. 5. No. 12. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, SEPTEMBER 26, 1896. Tha an Spàinn o chionn iomadh latha a faotainn deuchainn le ceannrirc us ar-a-mach a cuid iochdaran ann an Cuba, agus mar nach fòghnadh sin, tha ceannairc air bristeadh a mach na h-aghaidh anns na h-eileanan Phillippine. Tha treis a dh’ uine o’n thòisich i, agus bha ’san ainm gu robhtar air cur as di, ach tha’n sgeul a thàinig air an t-seachdain so ag innse nich robh sin ceart. Tha na Spàinntich, an duil eagal a chur air an t-sluagh, gu follaiseach a’ cur gu bàs gach aon de na ceannaircich air am faigh iad greim, agus tha na ceannaircich, air an laimh eile, a cheart cha an-iochdmhor riuthasan. Ghlac iad o chionn ghoirid tigh-mhanach, agus rinn iad gach aon de na manaich a mhort gu bruideil. Ghlac na Spàinntich còrr us ceud de na ceannaircich, agus spàrr iad iad ann an aon toll sa phriosan, agus an la-’r-na-mhaireach bha leth-cheud ’sa ceithir dhiubh marbh, air am muchadh leis an teas ’s le cion analach. Tha am fios ag radh gu bheil na ceannaircich a’ foatainn a chuid a’s fhearr dheth; co-dhiu tha sin ceart no cearr, tha e ro choltach gu’m bi an troimhe-cheile anns na h-eileanan so, direach mar a tha ceannairc Chuba, fada tighinn gu crich, agus gle fhuilteach fhad ’sa mhaireas i. Mar a tha fios againn uile, tha àireamh de Chomuinn Gàilig ann an Ontario, agus ged nach eil sinne anns na mor-roinnean iseal a’ cluinntinn a bheag mu’n deibhinn, tha sinn a’ creidsinn gu bheil iad ri feum mor ann a bhi ’g àrach meas agus spéis do’n Ghàilig agus do nithean Gaidhealach. Tha sinn gle thoilichte leughadh gu robh coinneamh aca ann an Toronto o chionn ghoirid, a’ runachadh na Comuinn so a cheangal ri chéile le Ard-Chomunn a shuidheachadh os an ceann, a bhios a sealltuinn thairis orra, agus a deanamh cuideachadh leotha. ’Se ar barail nach b’ urrainn dhaibhsan a tha air ceann na cùise ni a b’ fhearr no bu ghlice a chur air choìs, agus ’se ar dùrachd gu’n soirbhich leotha. ’S mor am feum a rinn Comunn Gailig Thoronto, Comunn Gàilig Hamilton, agus Comuinn eile do chainnt aosda laoch nam beann, nuair a bha iad gach aon a seasamh air a bhonn fhéin, ach ’s mor a’s motha na sin a ni iad ’nuair a bhios iad aonaichte. Cha’n e mhàin gu’m bi na Comuinn so iad féin na’s làidire, ach théid aca air comuinn a chur air chois an iomadh àite anns nach robh comunn riamh roimhe. Mar sin bidh Clanna nan Gàidheal anns an dùthaich so air an tòirt gu bhi an guaillibh a chéile, agus bidh an cànain a’ siòr fhàs ann am meas ’nam measg féin ’s am measg sluaigh eile. Tha an Ard-Pharlamaid ’na suidhe fhathast. Cha’n eil fior mhoran aca ri dheanamh innte air an t-suidhe so, ach a mhàin gnothuichean a chur air dòigh chum riaghladh na duthcha chumail air adhart gus an suidh i rithist; ach ged nach eil, tha iad a tarruinn uine, agus cha sgaoil lad co-dhiu gu ceann seachdain eile. Cha dean math a bhi ’gearan a thaobh so. Ged nach biodh e iomchuidh tuilleadh ’sa chòir a dh’ uine chosg, gidheadh cha bhiodh e ceart no freagarrach cùisean a ghreasad air dhòigh ’s gu’n deante dearmad air ni sam bith a bhiodh a chum leas no math na dùthcha. Tha caraid á Knappa, an Oregon, a’ cur a dholair ugainn, agus ag radh, “Tha mi air mo chumail gle thrang an dràsda ach trang ’s ga bheil mi cha’n eil uair a thig am MAC-TALLA nach gabh mi uine gus a leughadh.” Tha MAC-TALLA mar sin di-beathte aig iomadh fardoich anns gach cearna de’n t-saoghal. Ach nam biodh na Gàidheil cho dileas d’ an cànain ’s bu chòir dhaibh a bhi, bhiodh e ri fhaotainn ann an iomadh àite anns nach cualas fhathast iomradh air. Tha Iompaire agus Ban-Iompaire Ruisia an dràsda ann am Breatuinn air aoidheachd aig Ban-righ Victoria. Thàinig iad air tir ann an Albain Di-màirt, agus ghabh iad an rathad-iaruinn gu Balmoral. Nochd an sluagh h-uile spéis agus urram dhaibh air an t-slighe. Tha dòchas làidir aig moran gu’n dean céilidh an t-Sàir Breatunn agus Ruisia na’s càirdeile ri cheile, agus gu’m bi sin ’na mheadhon air stad a chur air sgrios nan Criosduidhean ann an Armenia. Bu mhath gu’n achradh sin. Bha duil aig an fhear-dheasachaidh tòiseachadh anns an àireamh so air cunntas aithghearr a thoirt air a chuairt do Eilean a’ Phrionnsa, ach nuair a thainig e dhachaidh bha ’n obair air a dhol mu seach air dhòigh ’s nach d’ fhuair e gnothuichean ’nan àite féin fhathast, agus uime sin cha robh e ’na chomas tòiseachadh air sgriobhadh mar a bha na bheachd- Ach faodaidh suil a bhi aig an luchd leughaidh ri beagan, oic air mhath fhaicinn anns an ath àireamh. An uair a dh’ fhalbhas tu casruisgte, teichidh do chàirdean uat. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoriah Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 85] [Vol. 5. No. 12. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh muillean shiùcair a bha ann am Moncton, N. B., ’na teine oidhche Di-donaich s’a chaidh, agus loisgradh i gu làr. B’fhiach i da cheud mile dolair. Cha’n eil fhios ciamar à thòisich an teine. Tha seana bhean a fuireach ann an Arichat an Iar, a bha dall o chionn shia bliadhna, agus an la roimhe dh’aisigeidh a fradharc dhì le sgleò a bh’air fàs air a sùilean a ghearradh dhiùbh. Bha dithis dhotairean ris an obair, Fixott agus Bissett. Rinn an stoirm thairneanach us dhealanach a bh’ann a sheachdain gus an dè call ann an iomadh àite, Bhuail an dealanach tigh ann a’ French Vale, agus fear eile aig meinm a Reserve; rinn e milleadh gu leor air gach fear dhiubh, ach fhuair iadsan a bha chòmhunidh annta as gun dochunn sam bith. Bha an t-ìasgach gle fhad air ais ann an Newfoundland air a bhliadhna so, agus tha moran de na b-iasgairean air am fàgail ann am bochduinn. Tha na ceudan dhiubh a’ deanamh deiseil gus an dùthaich fhàgail. Tha an t-iasgach air a dhol gu dona ’nan aghaidh o chionn iomadh bliadhna, agus is beag an t-ioghnadh ged a tha iad a’ call am misnich. Ann an Port Hope, Ont, mharbh Arthur Pentiss, aois ochd bliadhn’ deug, tuathanach do’m b’ainm Lingard, aois thri fichead bliadhna. Chaidh iad bhar a chèile le coire ’ghille, agus loisg e air an t-seann duine. Fhuaireadh cointach e aig a chùirt, agus tha e ri bhi air a chrochadh air an 17mh latha de Dhesember. Dh’ fhalbh mu choig ceud duine, eadar bheag us mhor, à Cuibeic aìr an t-seachdain s’a chaidh gus a dhol do Bhrasil, an ceann a deas America. Bha mu mhile aìr àite ghabhail air bòrd an t-soithich a bha gu’n toìrt air falbh, ach nuair a thainig àm seolaidh dhìùlt a chuid bu mho dhiubh falbh, agus leig iad le ’n cuid imrich falbh air an t-soitheach. Chaidh te Mrs. Hann, a mharbhadh aig Dromore, P. E. I., air an t-seachdain s’a chaidh le tuiteam á carbad. Bha i direadh a stigh dh’an charbad nuàir a ghabh an t-each eagal romh rothair, agus theich e, ’ga tilgeadh-se mach. Chaidh a leònadh cho dona ’s nach robh i beò ’na dheigh ach da uair. Bha i tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois. ’S mor an sileadh uisge a bh’ann air an fhoghar so. Ann am baile Halifacs thuit ann an aon seachdain còir us ochd òirlich de dh’ uisge. Air Di-luain, an 7mh latha, thuit òirleach us cairteal; Dior-daoin thuirt faisg air ceithir òirlich, agus Di-donaich thuit còir us tri òirlich. ’S ann uair gle ainneamh a thuiteas uiread uisge anns an dùthaich so, an ùine cho goirid. Chaidh fear Eachunn Mac Fhionghain a marbhadh ann a mèin na “Hub” an Glace Bay Di-luain. Bha e ’g obair air gearradh guail, agus thoirt meall dhe air a mhuin, ’ga mharbhadh air ball. Cha robh ann ach duin’ òg coig bliadhna fichead a dh’ aois. Cha robh e posda idir. B’-abhaist da bhi ’g obair anns a mhèinn a tuath, agus bha e ’na dheagh fhear-obrach. Bha fèill bhliadhnail Eilean a’ Phrionnsa aca ann an Charlottetown air an t-seachdain s’a chaidh. Bha fèill ann an Truro, N. S. air an t-seachdain so, ’a toiseachadh Di-màirt. Agus bha feill eile ann an St. John, N. B. ’S i ’n fheil a bha ’n Truro a bha dùil againn a bhiodh ann an Sidni air an fhoghar so. Bu chòir do’n bhaile stri a dheanamh air son fhaotainn air a bhliadhna s’a tighinn. Chaidh fear Sullivan a chùr an sàs air son mort Mrs Dutcher a bha fuireach faisg air Moncton. Rugadh air anns na Staitean, far ’n do theich e latha no dha an deigh do’n mhort a bhi air a dheanamh. Tha a’ chaileag bheag a fhuaireadh a thoirt as an tigh beo, gle fhad air ais fhathast, ach tha dùil ri i dhol na’s fhearr. Bi’dh ainm Sullivan gu math tric ’na beul, agus cha’n eil teagamh sam bith nach e rinn an gniomh, ach cha’n urrainnear a dhol air adhart leis a chàs gus an tig a’ chaileag gu ’tùr fein ’s an tèid aice air innse mar a thachair. Cbaidh Harry Templeton, aois sheachd bliadhn’ deug a mharbhadh leis a charbad-iaruinn faisg air Lynn, Mas., ’sa mhaduinn Di-luain. Bha e fhèin us bràthair mathar dha ag iasgach bhar drochaid air an robh an carbad ri dhol seachad, agus air do ’n charbad bhi tighinn, dh’fheuch esan ri dhol thairis air an rathad, agus thuit e air a bheul-fodha, ’s chaidh an carbad thairis air, ’ga ghearradh as a chèile air doigh uamhasaìch. Bha e marbh air ball. Bhuineadh e do Nobha Scotia, agus cha robh e ann an Lynn ach air chuairt. Chaidh muillean fudair a bhualadh leis an dealnach ann an cearna de stait Chonnecticut a sheachdain gus an diugh, agus chaidh i ’na smùid dha na speuran. Thachair e tràth ’sa mhaduinn mu’n deachaidh na daoine gu ’n obair, agus mar sin cha do chailleadh beatha duine sam bith. Bha an stoirm gle throm anns na Stàitean an ear uile. Ann an New Bedford, Mass, bha moran thaighean iar an cur as a cheile agus na sràidean air an lionadh leis an droighuich. Chaidh aon duine a mharbhadh. Bhuail an dealanach muillean-chotain, agus rinneadh fiach ceud mile dolair de chall oirre. Tha ban-righ Victoria a nise air a’ chathair rioghail Bhreatunnaich na’s fhaide na bha urra rioghail riamh roimpe. B’e ’seanair féin, an treas Deòrsa, an aon fhear a bh’ air toiseach oirre roimhe so, ach a nise th a ceithir latha bharrachd aic’ air. Fhuair i moran litrichean us fhiosan as gach cearna de’n Iompaireachd, o mhuinntir a’ cur an céill an gàirdeachais, agus a’ guidhe iomadh latha ’s bliadhn’ eile dh’i air a’ chathair. Gu ma fada beò a’ Bhan-righ! Tha an t-arm Breatunnach a’ sior dhol na ’s fhaide deas o’n Eipheit, agus a’ toirt buaidh air an naimhdean anns gach cearn. Cha bhi ’n ùine gle fhada nis gus am bi an Soudan fo’n ceannsal, agus am bi cumhachd nan Arabach anns an dùthaich sin air a thur bhristeadh. Tha ’n Spàinn an deigh 175,000 saighdear a chur a mach do Cuba o’n thòisìch a’ cheannairc. Cha do chuireadh àireamh cho mor de shaighdeara rismh air aon ghnothuch thairis air an Atlantic, ach a dh’ aindeoin meud na h-armailt tha ’cheannairc a dol air adhart fathast. An rud a theid fada o’n t-suil theid fada o’n chridhe. An rud a thig leis an t-sruth, falbhaidh e leis a ghaoith. An uair a’s caoile an gràn, is ann a’ daoire an gràn, An uair a’s mò am beadradh, is ann a’s còir sgus dheth. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c, Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. [TD 86] [Vol. 5. No. 12. p. 6] [Taobh-duilleig 89 san leabhar fhèin] EUCHDAN MHONTROIS. Cha bhòsd ri ràdhainn gu’n do dh’àraich Albainn barrachd mhac, a reir a sluaigh, a choisinn le ’m buaidhibh cliu neo-bhasmhor na dh’ ainmichear le rìoghachd no cinneach eile fo’n ghrèin. Air chùl nan arm ’an àm na teugmhail, an ealantan ionnsachaichte an àm na sith, tha iad araon ainmeil. Cha’n eil duilleag de dh’ Eachdraidh a thionndar far nach faicear an euchdan ri’ luaidh, a’s cha’n eil cearna de’n t-saoghal, bho eirigh gu laidhe greine, ’s nach cluinnear sgeul air an cliu. Ach a chan eil a rùn oirnn aig an àm seo leudachadh air euchdan nan Albannach gu leir, ’s è bu mhiann leinn cunntas a thoirt seachad mu dheighinn nan gaiseach a chuidich, le’n gniomharaibh, ainm nan Gaidheal a thogail suas agus a sgaoileadh thar gach tir. Na ’m measg seo ’s gann gu’m beil neach a rinn barrachad na rinn am Flath cliùteach air am beil sinn a dol a dh’iomradh. Air a ghinntinn de shliochd nan cuiridhnean calma’ chuir stad air sgaothaibh fuilteach na Roimhe, bha cóir aig air a bhith treubhach; ann ’s gach linn bha shinnsreadh ainmeil am measg mhaithean na tire. Bho lathaibh Righ Fearghuis II., cha’n eil coinneamh no còdhail, strì no cath san robh saors’ agus sonas na h-Alba ri ’sheasamh, anns nach faighte ceann cinnidh nan Greumach an tùs na comhstri. Cha do dhiobair am fiuran òg seo cleachdadh na h-’aitim bho n d’thainig e. Bhuilich nàdar air, araon am pearsa ’s an inntinn buaidhean nach b’ainneamh, ’s ged nach robh e ach ceithir-bliadhn’ deug an uair a thainig e ’s taigh air an oighreachd le bàs athar (Morair Iain) anns a bhliadhna 1626, cha ghòraiche no mi stuamachd air an d’thug e ’n fhaire; lean e gu dealasach air inntinn oileineachadh anns gach seors’ ionnsachaidh a bha ri fhaotainn ’s an àm sin ’na dhùthaich. Bho nach d’fhag athair de theaghlach ach esan ’na aonar, thug a chàirdean air posadh ’s e òg, ach cha d’thug seo air lasachadh na rùn air aigne ’dheasachadh, a chum dleasnais na h-inbhe airde anns an robh aige ri gluasad a coimhlionadh mar bu chuibhe dha. Air da gach fòghlum a bha ri fhaighinn an Albainn ionnsachadh dh’ fhalbh e thar fairge chum cleachdainnean rioghachdan aineoil fhaicinn ’sa thuigsinn, agus air tilleadh dha gu dhùthaich ann sa bliadhna 1634, tha e iar innsidh nach robh neach eile ’s an Roinn Eorpa bu choimhliont’ anns gach gnàs a fhreagradh do dhuin uasal na esan. Bha chonspaid mhi shealbhach a dh’eirich eadar Righ Tearlach I. ’s a shluagh air tòiseachadh an uair sin, agus cha luathaidh a thainig Montròse do’n tìr na chaidh e ’m buillsginn na h-iorghuill mu ’n d’fhuair e uine air a’ chuis a rannsachadh. Dian agus bras inntinneach mar bha è ghlac e cuis an t-sluaigh le uile chridhe. Chunnaig e gu’n robh an Righ ri ainneart air an t-sluagh an uair a theann e ri creideamh a’ sparradh orra ’n aghaidh an toile, agus le gràin air anaceartas, nadara do’n inntinn fhiughantaich, raighnich e ’n taobh bu laige. Shuidhich na Cumhnantaich ceathair chuirtean an Dun-Eidin ris an abairte na Buird, b’ iad sin Bord nam Moarirean, Bord nan Uaislean, Bord nam Bailtean mora, agus Bord nam Ministeirean, agus riutha seo bha cuis an t-sluaigh gu leir air earbsa. Ann sa bhliadhna 1639, air do’n iorghuill dol cho fad air a h-aghart ’s nach robh dòchas gun cordadh iad fein ’s Righ Tearlach ann an sith, agus air do’n Righ feachd a thogail ann an Sasunn a los na Cumhnantaich Albannach a chur fo smachd; dh’ordaich na Buird neart na h-Albann a thogail gu bhi ullamh airson gach ni a dh’ fhaodadh eiridh a mach, ach an aite fuireach ri feachd a Righ a thighinn do’n rioghachd ’s iad fein a thoisich an tùs ti comhstri. Air di-haoine an naoidheamh latha de’n Mhàrt ann sa bhliadhna 1649 ghlac Sinilair Leslie caisteal Dhun-Eidin agus air Diodonaich na dheigh ghlac na Cumhnantaich Caisteal Dhunbreatuinn. Aig an àm cheudna cha robh cairdean an Righ na’n cadal. Thoisich Morair Hunnduinn ri chuid dhaoine thrusadh ’san airde tuath, agus air dha a bhratach rioghail a thogail aig Kintore ghluais e gu Abaraidhin far an do ghabh e seilbh ’an ainm an Righ. Chual a anns a bhaile sin gu’n robh na Cumhnantaich ri cruinneachadh ann an Turriff agus chuir e roimhe sgapadh a chur annta. Sgriobh e uime sin litrichean a dh’ionnsaidh a chairdean iad ’g a choinnneachadh air a cheart latha ’s an aite cheudna. Thuit tè deth na litrichean seo ’an lamhaibh Iarla Mhontrois, agus chuir esan roimhe, a dh’aindeoin co theiridh e gu’n deanadh e chairdean na Cumhnantaich a dhion bho fhoirneart. A chum seo a dheanadh, ghrad chruinnich e mu ochd ceud fear agus mhears e gu Turriff. Air do na Gordanaich tighinn air an aghart, feadh an latha, b’ ioghnadh leotha claogh a bhaile fhaicinn lan dhaoine fo’n armaibh agus gu h-araid ’nuair chunnaig iad an gunnaichean ullamh gu losgadh orra thar balla chlaogha. Thill iad air an ais mun cuairt de dha mhile bho’n bhaile far an do stad iad gus an d’ thainig an ceannard Morair Hunnduinn g’ an ionnsaidh ach ged bha na Gordanaich corr is da mhile air lionmhoireachd cha do ghabh an ceannard misneach gu aghaidh a thoirt air Montròs ged nach robh aig ach ochd ceud fear. Mu’n àm seo, thug na Bùird litir chumhaichd do Mhontròs feachd a thogail ’an aobhar nan Cumhnantach; agus mu’n deachaidh mios thair a cheann, chruinnich e mu’n cuairt de thrì mìle fear eadar mharcaichean ’us choiseachean, coimhliont’ anns gach armachd. ’S iar do Shinileir Leslie tigh’n suas ris le cuideachadh dhaoine, mhearrs iad gu h-Abaraidhin, ach dh’fhag Morair Hunnduinn am baile sin mu’n d’ràinig iad. Ann an seo, thachair na Frisealaich, na Foirbeisich, agus Fineachan tuathach eil orra—mu thimichioll dà mhìle fear; rinn seo cunntas feachd Mhontròis mu’n cuairt do naoi mìle. Dh’fhag e Iarla Kintore ann an Abaraidhin le còig ceud deug agus ghabh e fein ’s chuid eil’ air an aghaidh gu ruig Inbhurùraidh. ’N uair a chunnaig Morair Hunnduinn an neart cumhachdach a bha mu’ choinneamh, smaointich e nach robh feum seasamh a mach na b’ fhaide, agus chuir e Gordanach Shrathloch gu Montròs a dh’ iarraidh còmhalach a dheanadh ris. Thachair iad agus dh’aontaich Morair Hunnduinn a lamh a chur ri bainn gu’n cuireadh e fein’ s a luchd leanamhuinn an ainmeannan ris a chumhnan’ Albannaich. An deigh seo thill Montròs do dh’ Abaraidhin agus chaidh Morair Hunnduinn dachaidh do Shrathbhalgaidh. Iar do Mhontròs Abaraidhin a ruigheachd agus a chur an geill do na h-uaislean Cumhnantach mar chòrd e fein ’s an Gordanach, cha bu taing a fhuair e. Thuig iad gu’n robh cìrein coilich na h-àirde tuath fo’n òrdaig, ’s cha bu deòin leotha mar cuireadh iad an cas air amhuich. ’S e ’n rud bu laotha’ dheanadh an toileachadh, Morair Hunnduinn a thoirt ’na phrìosanach do Dhun-Eidionn. Cha do thaitinn seo ri Montros; cha robh foill ’na chridhe, ’s cha bu deònach leis ’fhacal a bhristeadh, ach air eagal easaontachd a thogail am measg nan Cumhnantach cha’n fhac e iomchuidh cur ’na ’n aghaidh. Chuir e fios air Morair Hunnduinn agus dh’innis e dha mar bha ’chuis. Rinn iad suas ri ’cheile gu’n rachadh am Morair do Dhun-Edionn, cha’n ann mar phriosanach ach air saors’ a thoile fein, ach iar dha Dun-Edionn a ruigheachd dh’òrduich Uaislean nam Bòrd e fein ’s a mhac a chur ’am prìosan agus còigear a chur ’g am faire ’latha ’s dh’ oiche air an cosd fein, ’los nach faigheadh neach ’g an còir ach iadsan amhàin d’an tugadh na Bùird cead. Cha b’ fhada ’bha Montròs ’s an taobh deas, gu ’s an do thoisich an ùspairn as ùr ’s an airde tuath. Chruinnich mu ’n cuairt de dha mhile fear de na Cumhnantaich air an treas latha deug de’n mhios Mhàighe ann an Turriff, agus ged bha ceannard nan Gordanach fo ghlasaibh, chuir uaislean a chinnidh an cinn ri cheile agus chuir iad rompa sgapadh a chur ’s a choinneamh mu’n tigeadh tuille ’n am measg. Aig deich uairean de dh’ oidhche ghluais ochd ceud Gordanach as Strathbhalgaidh eadar mharcaichean ’us choisichean agus ceithir ghunnaichean mora nan cois. Rainig iad Turriff mu ghlasadh am latha mun robh fios aig freiceadain nan Cumhnantach c’aite an robh iad, ’n uair a sheinneadh na tròmpaidean agus a bhuaileadh na drumaichean ghlac clisgeadh ’us uamhas gach neach, thug cuid dhiu ionnsaidh air cur ’an aghaidh nan Gordanach ach cha b’ fhada gus an do chuir na gunnaichean mora sgaoileadh annta, rinneadh prìosanaich de beagan dhiu ’s cha do mharbhadh ach beag air taobh seach taobh. ’S e seo an comhrag ris an abair Seanachaidhnean an ama sinn “Trotan Turriff.” Ged nach robh a bhuaidh ach suarach, dh’ éirich inntinn nan Rioghalach ri ’linn; mhears iad air an adhart do dh’ Abaraidhin, a’ ruagadh nan Cumhnantach as gach aite. [TD 87] [Vol. 5. No. 12. p. 7] Ann sa bhaile sin chruinnich g’an ionnsaidh coig cèud Granndach a Strathspè agus clann Fhionnlaith nios a Braigh Mhàr. Thoisich am feachd seo air na Cumhnantaich a chreach ’s a chlaoidh as gach làimh gus an do thrus Iarla Marsall da mhìle fear leis an do rainig e Abaraidhin air an treas la’ thar fhichead agus thug càch na buinn as. Dà latha ’na dheigh sin thainig Montròs a suas ris le ceithir mìle fear. Rinn seo feachd nan Cumhnantach an uair sin an Abaraidhin mu shia mìle. Iar dha coig latha ’chur seachad an Abaraidhin ghluais e mu thuath gus an do rainig e Githt. Thoisich e ri sèisdeadh a chaisteil seo, ach chual’ e gu’n robh Iarl Aboyne iar tilleadh a Sasunn, agus gu’n robh e fein ’us moran Cheannard rioghail eil’ tighinn air tìr anns a cheart aite’ dh’fhàg e beagan làithean roimhe sin. Iar cluinutinn seo dha thill e air ais mu dheas do Mhearns. Cho luath ’s a chuala na Rioghalaich gu’n d’thainig Iarl Aboyne air tìr, chruinnich iad as gach taobh. Thog Morair Luathais Gordan, treas Mac Morair Hunnduinn, tuath athar agus thug e Abaraidhin air. Chruinnich clann Fhionnlaith, Granndaich, ’us Fineachan eile mar ri moran de na Cumhnantaich fein anns an aite cheudna, gus an robh aig Iarl Aboyne moran mhiltean fo’ chomannd ann an latha no dha de dh’ uine. Air a cheathramh latha deug de dhara mios an t-samhraidh, ghluais Aboyne mu dheas. Iar cluinntinn do ’n Iarla Mharsalach an rathad a ghabh e, shuidhich e da chiad deug fear le beagan ghunnaichibh mora air bealach ’s an robh fios aige gu’m faigheadh e ’n cothrom a b’ fheàrr. Ged fhuair Iarla Aboyne fios air seo, cha d’thug e ionnsaidh air a char a thoirt as, ach ghabh e dìreach air adhart ’an uchd a namhaid. ’N uair dh’ fhosgail craos-lasrach nan gunnaichean mora’ air a dhaoine, sgap iad as a cheile mar mheanbh chrodh, thug Aboyne e fein a chasan as do dh-Abaraidhin comhla ri beagan Mharcaichean. A BOSTON. A MHIC-TALLA GHRADHAICH,—Tha fior àm agam mo dholair a chur ugad ach le eagal ’s gu’m bi mulad air air an t-slighe tha tuilleadh a dianamh air a bhith falbh còmhla ris. Gheibh thu ainmeannan na feodhnach bho bheil iad, fo-sgriobhte. Ged tha obraichean gu lìonar a’ dol air adhart an so tha àireamh luchd gun obair a sior dhol na’s motha. A bharrachd air gach aobhar eile air a shon so, tha mi-chinnteachd result na h-election a bhios againn air an treas latha de Nobhembera cuideachadh gu mòr. Gu de eadar airgiod ’us or ach gu’m bheil iomad fear ’us té (cha’n iad dad a’s balbha) ionnus a bhith gòrach. Bho ’n 23mh latha de dh’ August tha ’n carbad air fear do ròidean-iarruinn Bhoston a’ ruith os cionn na sràide. Sàbhailidh so iomadh beatha. Bha e ’na rud annasach agus ghabh moran turus anns a charbad air a thàilleabh. Tha ’n t-sìde nis fionnar gu leòr agus ’s math an caraid an còta-mor anns an fheasgar. Is mi do charaid, DOMHNULL. Sept. 21, 96. Bha tuathanach Gallda agus a bhean aig féill anns a’ Ghàidhealtachd aon uair, agus am measg nithe eile bha da mhuc aca ri reic, muc mhòr agus muc bheag, agus b’ i a mhuc bheag a bu shine. Air do Ghaidheal àraidh a bhi a’ coimhead air na mucan thuirt an Gall ris “An ceannaich thu iad a charaid, reicidh mi aon diubh ma tha sin ni’s freagaraiche dhut, ach is i a mhuc a’s sine an té a’s òige.” Chuala a bhean na thuirt e agus ged nach robh a Ghaidhlig aice fhéin dad ni b’ fhearr na bha i aigesan, bha fios aice nach tuigeadh an Gaidheal cìod a bha na bheachd. Mar sin thàinig i air adhart agus thuirt i ris a Ghaidheal “Tha mi ag iarraidh mathanas air son an droch Ghaidhlig a tha aig m’ fhear-pòsda,” ars ise “ach is e tha e ciallachadh gur i a’ mhuc a’s lugha an té is mò.” McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 88] [Vol. 5. No. 12. p. 8] Cumhadh air son a Leannain. LE UILLEAM ROS, AIR FONN—“Farewell to Lochaber.” Ged’ is socrach mo leabaidh, Cha ’n e’n cadal mo mhiann, Leis an luasgans’ th’air m’aìgneadh, O cheann fad’ agus cian, Gu’m beil teine na lasair, Gun dol as na mo chliabh, Tabhairt brosnachadh geur dhomh, Gu bhi ’g éiridh ’sa triall. CO’-SHEIRM. Seinn èibhinn, seinn, éibhinn, Seinn èibhinn an dàil, Seinn èibhinn bhinn èibhinn, Seinn èibhinn, gach là, Seinn èibhinn, bìnn eatrom, Seinn èibhinn, do ghnà Seinn èibhiun, seinn èibhinn, Chuireadh m’ easlain gu làr. Tha mi còrr a’s trì bliadhna, Air mo lionadh le gaol, ’S gach aon la dhiu stiùireadh, Saighead ùr ann mo thaobh; Cia mar ’s leir dhomh ni taitneach, Dh’aindeon pailteas mo mhaoin? mi as èugmhais do mhàrain, Bhiodh gun ardan rium saor, Seinn èibhinn, &c. ’S e do mhàran bu mhiann leam, ’S e tigh’n gun fhiabhras gun ghruaim, Mar ri blasdachd na h-òraid, ’S e bu cheòl-bhinne fuaim: Dh’eireadh m’ inntinn gu h-àbhachd, Ri linn bhi ’g aireamh gach buaidh, A bha co’-streup ri mo leannan. Baindidh, farsada, suairc,’ Seinn eibhinn, &c. ’S gur gile mo leannan Nan eal’ air an t-snàmh, Gur binn’ i na’n smeòrach, Am barraibh rò chrann sa mhaigh, Gur e geamn’achd a beusan, ’S i gun eacoir na càil, lùb mise gu geilleadh Air bheag eigin na gradh, Seinn eibhinn, &c. Gu’m beil maise na h-eudann. Nach feudainn-s a luaidh, Tha ì pailt ann an ceutaidh, ’S an oeill a thoirt buaidh, Gun a coimeas ri featainn Ann an speir, san taobh-tuath, M’ òg mhìn-mhala bhaindidh, Thogadh m’ inntinn o ghruaim, Seinn eibhinn, &c. ’S ge do bhithinn an èugail, Agus leigh air toirt dùil, Nach bhiodh furtachd an dàn domh, Ach am bàs an gearr ùin’, Chuireadh eugas mo mhin-mhal’, Mo mhi-ghean air chùl, Ghlacaìnn binneas na smeòraich A’s gheibhinn sòlas as ùr, Seinn eibhinn, &c. Ge binn cuach ’s ge binn smeòrach, ’S ge binn coisir, ’s gach crann, Seinn ciùil dhomh ’n coill smùadain, Theich mo shùgradh-s’ air chall— Tha mi daonnan a smaointeach, Air mo ghaol ann sa’ ghleann ’S mi air tuiteam am mi-ghean, Gun a brìodal bhi ann. Seinn eibhinn, & c. Nuair a bhithinn-’s ’s mo mhìn mhal’, An gleannan rìmheach na cuaich, No ’n doire fasgach na smeòraich, Gabhail sòlais air chuairt; Cha mhalairtinn m’ eibhneas O bhi ga h-eugmhais car uair, Air son stòras fhir-stàta, Dh’ aindeon airdead an uaill. Seinn eibhinn, &c. Ge bu rìgh mi air Albainn, Le cuid airgeid a’s spreidh B’e mo raghainn mo mhìn-mhal’, Thar gach ribhinn dhomh fein, Cha bu shuaimhneas gu bàs domh N’ aon àite fo ’n ghrein, ’S mi as eugmhais do mharain, Gus mo thearnadh o bheud. Seinn eibhinn, &c. Ach mosg’leam tharais a mi-ghean, ’S cuiream dìth air mo ghruaim, Beò ni’s faide cha bhi mi Gun mo mhin-mala shuairc! Oig mhìn beir mo shoraidh Leat na choirean so shuas, Seinn mo rùin ann sa ’ghleannan, ’S tuigidh ’n cailin e bhuat. Seinn eibhinn, &c. Far am bi an Toil bidh an Gniomh. (Air a leantuinn o thaobh 83.) abharsair breugach. Cuiridh mi geall nach ’eil a’ chreuchd na ’s mò na ionga d’ ordàig. RUAIRIDH.—Feumaidh i a cìreadh co dhuibh: nach d’ thuirt thu nach deachaidh cìr oirre o chionn mios? COLLA.—Mu thruaigh an gille-stabuil mur cìreadh e i a’ h-uile latha! RUAIRIDH.—Thor dhi siol, ma ta; nach do dhiult i a boitean maidne? COLLA.—Ma dhluit is ann bho ’n fhuair i gu leoir de shiol. Na biodh eagal ort; falbhaidh i mar a’ ghaoth. Tha an rathad math; cha ’n ’eil coltas uisge no ceò air. Turas sabhailte dhuit, agus soirbheachadh math dhuit fhein agus do ’n mhaor-choille. Tog ort; leum a suas! STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. SANAS. Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air pris iseil, rach a choimhead air D. J. DOMHNULLACH. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. [TD 89] [Vol. 5. No. 13. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 3, 1896. No. 13. Cuairt do Eilean a’ Phrionnsa. LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH. Cha’n eil fhios, ged a tha mise tòiseachadh air sgriobhadh mu Eilean Phrionns’ Iomhair, agus an sgriob a thug mi air fheadh, an toir e toileachadh mor sam bith do léughadairean MHIC-TALLA, no idir do luchd-àiteachaidh an Eilean fhéin. ’S iomadh duine tha sgriobhadh air an dòigh sin d’ am b’ fhearr gu mor gun sgriobhadh idir. Tha e air innse gu’n d’ thàinig Sasunnach tapaidh uair thairis air an Atlantic, a chuir seachad deich latha air an taobh so. Bha e ’chuid bu mhò dhe’n ùine sin ann am bailtean-mora nan Stàitean, ach fhuair e ùine air tighinn thairis air a chrich do Chanada, agus bha e mu dha uair an uaireadair ag amharc air Eas Niagara. ’N uair a chaidh an duine so dhachaidh a Shasuinn chuir e mach leabhar ag innse mu mheud ’s mu bhòichead nadurra Chanada, agus an déigh sin leabhran beag eile a’ tigh’n thairis air dòigh-riaghlaidh na dùthcha nach dd’ rinn e ach gann fhaicinn. Cha d’ fhuair an Sasunnach bochd aona chuid cliu no saoibhreas air taileabh a chuid sgriobhaidh mu Chanada, agus tha eagal orm gur ann mar sin a dh’ éireas dhòmhsa thaobh Eilean a’ Phrionnsa. Bha mo chuairt cho goirid, agus bha mi cho aineolach air fheadh, ’s nach urrainn dhomh a nise fior mhoran a ràdh mu dheibhinn. Ach cha dean duine don’ ach a dhichioll. Dh’ fhàg mi Sidni air a’ charbad-iaruinn aig aon uair feasgar Di-luain, an latha mu dheireadh de dh’ Ogust. Cha do thachair a bheag air an rathad a’s fhiach aithris. Bha àireamh de na h-eòlaich air a charbad còmhla rium, cuid a dol gu Halifax, cuid gu Boston, cuid do’n Airde ’n Iar, agus dithis no triuir a bha dol fad na slighe gu Baile-Shearlot. Chuir sinn an ùine seachad mar a b’ fhearr a dh’fhaodamaid gus an d’ rainig sinn na Narrows Mhora. An sin rinn an carbad dàil fichead mionaid, agus chàidh iadsan air an robh acras dh’ an tigh-òsda ghabhail an dinneir, agus iadsan air nach robh, ghabh iad sràid mu’n cuairt a dh’ fhaicinn gach ni a ghabhadh fhaicinn. Tha uisgeachan a Bhras d’Oir ann an so cha mhor air an gearradh ’nan da leith e da rudha tha tigh’n an coinneamh a cheile. Abrar na Narrows Mhora ris a’ chaolas a tha eadar an da rudha so, agus mar an ceudna ris an rudha tha air an taobh an ear dhe. Abrar Iona, no I-Chaluim-Chille, ris an rudha tha air an taobh an Iar. Cha’n eil an caolas tri-chairteil a mhile air leud, agus tha nise drochaid mhor iaruinn thairis air, air am faod an t-each-iaruinn ’sa chuid charbadan na dheigh a dhol a null ’sa nall gu sàbhailte. Tha àite air an drochaid a ghabhas fosgladh gus soithichean a leigeil troimhpe, agus tha roinn mhor de shoithichean ’s de bhàtaichean a dol air ais ’s air adhart na h-uile seachdain fad an t-samhraidh. Tha an sruth gle làidir anns a’ chaolas, agus tha e gu math doirbh bàta iomradh thairis air. Chuala mi cuid-eigin ag ràdh uair nach robh eòlas mor sam bith aig muinntir na Narrows agur Iona air a chéile roimh theachd an rathaid-iaruinn; ged nach robh dh’ astar eatorra ach leud a chaolais, gu robh iad cha mhor ’nan coigrich d’a chéile, leis cho doirbh ’ss bha e ’n t-aiseag à dheanamh. Chithear sealladh briagha air uisge ’s air fearann bho na Narrows. Tha mu’n cuairt air na Narrows fhéin gle bhriagha, ach cha toir duine sin fa-near cho math leis cho dian ’sa bhios e ’g amharc fada uaithe, air uisge a Bhras d’Oir a ruith a tuath ’s a deas gus am bheil stad air a chur air anns an dara h-àirde le beanntan àrda, gruamach siorrachd Victoria, agus anns an àird eile le fearann iseal siorrachd Richmond. Cha ’n urrainn domh a radh gu’n d’rinn mise moran suil a thoirt air muir no air tir air an turus so. Bha mi anns a cheart àite cho tric roimhe so ’s nach robh annas sam bith agam dheth. ’S ann a bha mi, fhad ’sa bha an carbad na stad, a’ còmhradh ri fear-na-h-inneil, mo dheagh charaid Donnacha Mac Gill-fhinnein, ’s e sealltuinn dhomh mar a bha dol aig air an each-iaruinn a chumail fo smachd, mar a bheireadh e air falbh ’s mar a bheireadh e air stad, an dòigh air toirt air dol na dheann-ruith, ’s an dòigh air toirt air deanamh air a shocair. Thà an t-each-iaruinn, coltach ri ioma rud eile, gle mhath fhad ’sa dh’ fhanas e aig riaghailt, ach ma gheibh e an lamh-an-uachdar air an fhear a bhios ’ga stiuireadh, bidh an tubaist an dàn dhaibh le chéile. Ach dh’ fhan mise bruidhinn tuilleadh us fada agus mu’n d’ fhuair mi air ais gu m’ àite fhéin, bha ’n carbad air ghluasad. Fhuair mi air bòrd co-dhiu, agus dh’ fhalbh sinn, a’ dol thairis air an drochaid mhoir, a deanamh stad beag aig Iona, agus an sin a falbh a rithist. A chuid bu mhò dhe’n t-slighe uige so tha an t-uisge air an laimh dheis, aah aon uair ’s gu fàg sinn Iona tha’n t-uisge, fhad ’sa tha e ’dol, air an laimh chli. An deigh sin tha e dol as an t-sealladh, ach an dràsda agus a rithist chi sinn lochan us caoil a’ nochdadh an sid ’s an so mar nach biodh crioch orr’ idir. An ceann treis eile cha’n eil eadhon loch ri fhaicinn, agus tha chuid a’s mo dhe’n rathad tuilleadh a’ dol troimh choille, coille nach eil idir dhe’n t-seòrsa ’s fearr, agus a bheireadh air coigreach a chreidsinn nach bu mhor a b’ fhiach Ceap Breatuinn ma bha e uile coltach ri sid. Mu shia uairean rainig sinn Point Tupper, agus an sin b’ fheudar dhuinn an carbad fhàgail, agus an t-aiseag a ghabhail air a bhàta-smùide tha frithealadh dha. Tairnnidh so uine, agus fhad ’sa bhios na daoine tha mu’n laimhrig a cur na h-imrich air a bhàta ’sa deanamh deiseil air son falbh bidh an luchd turuis a’ sealltuinn mu’n cuairt. Is e an caolas so ris an canar Caolas Chanso, a tha ’gearradh Cheap Breatuinn air falbh o Nobha Scotia, agus a deanamh eilean dheth. Tha mile dh’ astar eadar an da fhearann far an cuinge ’n caolas, agus tha an sruth anabarrach làidir. Tha e fosgladh air a cheann a tuath do Ghulf St Lawrence, agus air a’ cheann a deas do’n Atlantic; agus do shoithichean a bhios a dol air ais ’s air adhart eadar puirt nan Stàitean agus puirt a tuath Chanada, ’s e an aon rathad gu falbh us tighinn. Tha maraichean ag innse gu bheil e gle dhoirbh seòladh troimhe, a chionn an sruth a bhi cho làidir ’s gu’n toir e leis soitheach bho thaobh gu taobh, agus mur bi an sgiobair faiceallach, faodaidh i dhol air tir oir. Ach ’s fheudar dhomh sgur aa dràsda, agus na th’ agam ri ràdh a chumail gu àm eile. Ruigidh sinn Eilean a’ Phrionnsa uair-eigin, ach cha leig an clo-bhuailtear leam a dhol na’s fhaide aig an am so. Cha’n eil ach tri fichead us deich bliadhna o’n chuireadh crioch air a cheud rathad-iaruinn. Anns an ùine sin chaidh ceithir cheud mile (400,000) de mhiltean de rathad-iaruinn a dheanamh, agus tha mu’n siathiamh cuid dhe sin anns an Iompaireachd Bhreatunnach. ’S mor an t-atharrachadh a thug sin air an t-saoghal. Tha ban-righ Victoria nise riaghladh thairis air tri cheud ’s tri fichead us seachd muillein 367,000,000 sluaigh, aireamh na’s mo ’na bha riamh roimhe ann an eachdraidh an t-saoghail fo riaghladh righ ban-righ, no iompaire. As a ceann a bhlighear a’ bho. [TD 90] [Vol. 5. No. 13. p. 2] AILEIN BAN. SGIAL MU LATHA CHUIL-FHODAIR. A’s t-fhoghar so chaidh ’s mi mach air an dùthaich air aoidheachd aig mo charaide, Còirneal Camran, chunnaic mi ’sin, air chèilidh air nighean a’ Chòirneil, clann coimhearsnaich dhaibh, gille-uasal òg agus piuthar dha, dithis, aig deisead am pearsa agus feobhas an oilein, a thaitinn gu fior choìmhlionta rium. Tha eachdraidh am pàrantan car ainneamh, os an Còirneal, agus is toigh leam a bhì ga ’h-innseadh, ceart mar is math leam a bhi ’cur air chuimhne sgeòil sa bith a chuireas urram air ar nàdur. Leis a’ chinne-dhaonna ’ghabhail thair a chéile tha iad air choiriginn cho mìothor leam ’s ’n uair a chì mi fiùghantas an neach sa bith fos leth, gur miann leam m’ inntinn a leagail air car tamuill, agus a bhi gu tric ga ’mheamhrachadh, direach mar a dhianadh tu a’ tighinn romh shleibhtean garbhlaich, ri faicinn dut àitich, no àilein ghuirm. Bha athair na h-òigridh ud a thaitinn an snuagh cho ro ghasda riut, na ’thighearna-fearainn mu thuath oirnn; bha oighreachd luachmhor aige agus togail mhòr dhaoine. An làithean ’òige bha e ’fuireach air làrach a shinnsrean—seann-nòs a tha nis air dol à cleachdadh—an caisteal greadhnach, tuath agus ceathairne mu ’n cuairt da, ’s gun duine air fòid an fhuinn nach b’ urrainn dàimh ’us càirdeas a thagairt air an triath no air na h-uaislean bho ’n d’ thàinig e. Cha robh fear no tè na ’fhàrdaich nach robh de’n aon chinneadh ris, agus uaill orra ga chionn, ’s iad cho beadrach aige ’s ge bu leis fhein iad. Ach ge bu mhath uile iad, b’ e Ailein Bàn àilleagan an triath. Bha e riabh na ’chois bho ’n a dh’ fhàg e ’chreathal. Is e bu shine gu math, air chor’s gur h-e ìonann ’s a b’ oid-ionnsaich dha. Is e a dh’ ionnsaich air a’ chuspaireachd e, agus air fearas-lùth—dà ealaìdh air an robh e fhein ainmeil. Is e a bu ghille dha aig an tigh ’us thairis ’s a’ sgoil, agus air gach turus air ghnothuch an rìgh dhlighich ’s a dhùthcha. Bha iad latha ’s a’ bheinn-sheilg agus Oscar aca, cù air an robh mòran meas aig Ailein—is e fhein a thog ’s a dh’ionnsaich e. Le tubaiste no failmse air choirigin millear Oscar an t-sealg. Bha an gunna air an làn-togail aig an triath, agus le braise feirge cumar ri Oscar, ach cha do chuimsich e e. Bha Oscar cho beadrach ri ubhal òir aig Ailein, agus mar a bha am mìshealbh ann, thugar le dàndas beum do ’n triath a chionn a bhi cho bras. Leis an fheirg, agus fios a bhi aige gu’n robh e ’s a’ choire, cha b’ urrainn do’n triath e fhein a cheannsachadh agus togar an làmh do Ailein fhein. Cha do ghabh Ailein air gu’n d’ rinn e e; ach an oidhche sin, le mulad, dh’ fhàg e an dùthaich, agus an ciad bhaile-puirt gus an d’ thàinig e, gabhar ’s an arm-cheangailte. A’ bhliadhna sin feinn 1744, bha Cogadh na Frainge air dùsgadh—cogadh ’s na dhearbh Gàidheal no dha cruadal nan daoine bho ’n d’ thàinig iad. Bha ’n triath so air na ciad uaislean a dh’ éirich leis a’ Phrionnsa. Chuir Latha Chùil-fhodair—latha na dunach do na Gàidhil, na Rìoghalaich fo ’n choille. Na thàrr bhàrr na h-àrfhaich an latha sinn, b’ éudar dhaibh ionadan-falaich an dùthcha fhein a thoirt orra, a sheachnadh anacneasdachd an airm-dheirg. Mar bu chòir dha’ s mar bu dligheach, thug esan a dhùthaich fhein fo ’cheann. Le ’bhi ris an t-sealgaireachd, cha robh frith-rathad no cluain air nach robh e eòlach. Thug e fada na ’fhear-cùirn—rè an latha ’an còs-falaich, agus a’ tèarnadh gu srath air chionn an anmoich a dh’fhaotainn iomfhuasglaidh bho a thuath dhìlis fhein. Is tric a dh’ innis e dhomh (tha ’fhios agad tha e de m’ sheann-eòlaich tur) mu ’n ionad-fhalaich sin, an uair a b’ urrainn da tighinn thairis air gun dèistinn. “Na ’uaireannan,” os esan, “tra a thàrrainn dol gu iomall na coille air feadh nan creag aillteach, uaignidh ud, a tha, mar is cuimhne leat, mar bheagan mhìltean do’ n tigh agam, chluinninn, am balbhadh na gaoithe a bha le fàs-fhuaim a ’luasgadh na giùthsaich fotham, na saighdearan ag comh-fhreagairt a chèile ’s an tòir ga cur. Is tric a chuala mi sgal an clèibh ag cur mactalla bho chreig gu créig, agus a chunnaic mi ’s an loch shios fotham, faileas na lasrach a bha ’g èirigh a tighean mo chuid daoine, ’s iad na ’m buidealaich theine. Le nàire ’s le feirg is tric a thàinig fotham ruith leis a bhruthach, gun bhall-airm, agus mi fhéin a liubhairt an lamhan mo naimhdean; ach bidh taobh aig duine ri ’bheatha, agus chuireadh tartar na h-earbaig clisgeadh orm, agus thillinn air m’ ais dom’ chòs. “Latha de na làithean,” os esan, “bha an iolach na b’ fhaisge orm na ’b’àbhaist, agus mu dheireadh, bha na saighdearan a bha dìreach fotham cho teann orm, ’s an uamha ’s robh mi m’ shineadh, ’s gu ’n dianainn a mach an cuid seanchais. Uine ’s aimsir dhomh ’s an iolraig dhèistnich sin, bha an guth a’ dol na b’ fhaide ’s na b’ fhaide bhuam; mu dheireadh chaidh e bàs orm an ceann a mach na coille. Dh’ èirich mi ’s shnàig mi gu bial na h-uamha, agus tachrar cù orm ’s leig e sgal as a nochadh gu’n robh mi ’n sàs. Ged a bha mi ’m bhreathal leis na cuir a bh’ann, dh’aithnich mi gur h-Oscar a bh’ agam, agus eadar mise ’s tusa, shaoil leam gur diùghaltas as an h-Ardaibh a thànaig orm.” “Seas,” os an guth smachdail sin rium, agus ruithear h-ugam romh na pris, saighdear ’s a bhéigneid an tarrainn. Co bha ’so ach Ailein Bàn! Eadar nàire, ’s breathal, ’s agartas-cogais, thàinig tachdadh orm agus seasar ’am bhalbh-thosd air a bhialaobh. “Mo Cheanna-cinnidh!” os esan, ’s ioghnadh ’us fiamh a’ mùchadh a ghuth, ’s thilg e e fhein sìos aig mo chasan. Thàinig mise gu m’ ionnsaidh fhein. Tha do dhiùghaltas ad làimh, is mise do phrìosanach. “Diughaltas!” os esan. “Mo chreach, is cruaidh ur breith! Cha robh latha sona dhomh bho latha a’ chruaidh fhortain sin a dh’ fhàg mi sibh. Ach chaomhnadh mo bheatha dhomh, tha dòchas agam, g’ ur tiarnadh-se. Tha a’ chuideachda ’s am beil mi air dol seachad; dh’fhan mise ’s an fharsanachd air feadh na coille ’s nan creag air an robh mi cho eòlach ’an làithean m’ òige. Ach cha’n eil ùine ri chall. A thiota bidh a’ choille so na buidealaich, ged nach ’eil amhurras aca i ’bhi ’toirt dìon duibhse. Cuiribh m’ aodach fhein oirbh; theagamh gu ’r cuideachadh e gu dol as gun umhail. Fiachaidh mise ri ’r deise fhaotainn bhuam air dhòigh air choirginn. Fhuair sinn brath air prasgan chàirdean duibh a bhi air tìr ’s an àirde-niar. Leanaibh ruith an uisge gu ciaradh nan trath; ’an sin gearraibh air ur fiaradh thair guala na beinne, agus buannaichidh sibh iad gu sabhailte.” Ràinig e mi a bhi cho fada an eisiomail fir air an d’ rinn mi eucoir, agus dh’earalaich mi air gun e fhein a chur ’an leithid de chunnart air mo sgàth-sa, nach robh teagamh nach faighteadh a mach air e, agus leis an nàdur a bha ’s a’ chomanndair, bha fhios agam gu’n cuirteadh gu bàs e. Ach ghrìos Ailein orm, ’s e ’n dòruinn le fiamh ’us teinn, mi ’chuimhneachadh a mhàin air mi fhein a thiarnadh. “O, sàbhailibh le chéile sinn,” os esan, “ma ’s bàs duibhse e, cha bheò dhòmhsa na ’r deaghaidh e. Theagamh gu’n tachair sinn fhathast; ach ciod sa bith a dh’ éireis do Ailein, beannachd Dhia aig a cheann-cinnidh.” Fhuair ùrnaigh Ailein éisdeachd. Bha tàlantan math aig an triath, ged nach d’ fhuair e cothrom aìr an cur an gnìomh gus an d’ thàinig an anshocair; ’s dh’ èirich e gu inbhe aird thairis agus rinn e beairteas. An uair a thàinig an t-sìth, thill e dhachaidh, ’s fhuair e Ailein na ’Chaiptin ’s an arm, ’s e pòsta ri mnaoi uasail leis an d’ fhuair e beagan tochraidh. Cha robh aca ach aon nighean, ’s chaidh Nàdur gu ’dhùbhlan g’a dianamh na ’h-àilleagan coimhlionta, agus rinn a pàrantan na b’ ùrrainn daibh, a chuideachadh leis. Faodar a thuigsinn g’un robh an ceann-cinnidh taingeil; ach cha bu lugha toilìnntinn ’s uaill Ailein, ni a bha làn riaraichte goirid an deaghaidh sin an uair a phòs an cean-cinnidh, a shàbhail e fhein cho suairce le a dhilseachd, Màiri a nighean. Thionndaidh ainiochd an ama sin gu cneasdachd ’us fèile, agus fhuair an triath air air còir air oighreachd a shinnsrean, agus bha de thoileachas aige ogha Ailein fhaicinn ’an seilbh ’us dùthchas nan uaislean bho ’n d’ thàinig e. Chaidh mi còmhla ri Còirneal Camran air cheilidh air an triath, agus thug e riarachas, dhomh ’fhaicinn cho furachail, fritheilteach, ’s a bha e dh’ a athair-cèile, agus cho toilichte ’s a bha an seann-duine còir a làn thuigsinn na duaise a ghléidh a dhilseachd dha. Thug mi an aire cuideachd gu’n robh aig na h-àileagain a chunnaic mi ’an tigh a Chòirneil, cu-ianaich breac donn a rinn iad mòran beadraidh ’us cleasachd ris an deaghaidh na dinnearach, agus ’s e Oscar a ’b ainm dha. Bho HENRY MCKENZIE. [TD 91] [Vol. 5. No. 13. p. 3] MAR CHAIDH A CHIAD SIONNACH DO MHUILE. Tha am bard ag iomradh air an àm anns an robh, “Gaidhlig aig na h-eoin ’s a thuigeadh iad gloir nan dàn.” Is ann ’s an àm ’s an robh Gaidhlig aig na sionnaich a dh’ fheumadh gu ’n do thachair an ni tha run orm ’aithris an drast. Co nach cuala mu sheoltachd nan sionnadh, agus mu na cuir agus na cuilbheartan a chuireas iad an cleachdadh chum ruigheachd air am mainn. Bha sionnach slìogach, ruadh fad mhoran bhliadhnaichean a’ siubhal nan cnoc agus a’ taghal nan eas eadar an Rugha-breac agus Aird-nan-capull, anns an Eilein Shaoileach. Ged bha e an làn bheachd gu’n robh a chòir air an fhearann cho math ris na còirichean aig Morair Bhealaich, agus ged nach robh e a’ meas gu’n robh cionta no coire sa bith ann an cearc a thoirt an diugh as an Dunmhor, no uan am maireach à Cille-Bhrighde, bha aon no dha anns an eilean nach robh d’an bharail cheudna; agus eadar Donull-nan-sionnach le ’chuid abhagan, agus cìobairean nan tuathanach le’n coin-chaorach, cha robh a chaith-beatha, idir cho sìochail ’s a mhiannaicheadh e. Cha robh carn no aite-falaich eadar Cul-na-coille agus Sloc-an-eich-dhuinn nach b’aithne dha, ach an deigh a’ h-uile rud a bh’ann, is iomadh caol-thearnadh a bha aige, air alt ’s mu dheireadh gu ’n d’ fhàs e gu tur sgìth d’a bheatha anns an eilein, agus chuir e roimhe, na ’n gabhadh seol no doigh deanamh, gu ’n rachadh e thairis do’n Eilein Mhuileach a bha a’ sineadh sios m’a choinnimh, ach a bha iomadh mile uaith anns an airde ’n iar. Tha e coltach gus an t-àm so nach robh sionnach ann am Muile, agus cha’n ’eil fhios agam an robh iarraidh air. Cha ’n abair mi nach tugadh Alasdair Fliuch anns a’ Chrogan rud no dha na ’m b’ urrainn da an cumail as gu buileach; agus tha mi cinnteach nach d’ thug e maitheanas riabh do ’n fheadhainn a chuidich ann a’ chiad fhear. Cha mhor laithean air nach robh cuid no cuideigin a nunn ’s a nall eadar Muile agus Saoil; bha malairt de sheorsa no dha eadar an da eilean. Bu math a chunnaic an sionnach so; ach cia mar bha e ri faighinn thairis do Mhuile, cha robh fios aige. Latha de na laithean agus e ga ’fhalach fhein ann an sloc os cionn cladach Aird-nan-capull, an anail ’n a uchd, agus e an deigh a ruagadh le aon de choin a’ Chuirn-bhàin, cha mhor nach robh e air bòidean a thoirt gu’ n leumadh e a mach anns a’ mhuir agus gu’n cuireadh e as da fein, an uair a chunnaic e seol geal bàta a eirigh a mach bho chladach Mhuile agus a reir coltais, a deanamh direach air a phort a bha aig a chasan. Na bu dluithe agus na bu dluithe thainig am bàta, agus ceart mar a shaoil e bhuaile i air a chladach mar uchair cloiche do’n aite anns an robh e ga ’fhalach fhein. Bu math a dh’ aithnich e gu ’n robh aca ri tilleadh an rathad a thainig iad, ach b’e an càs cia mar a rachadh aige air faighinn thar an aisig leo. Cha b’ fhada bha fear nan car ’s nan cleas ag amas air doigh. Am feadh a bha na Muilich a’ deanamh an gnothaich, agus a’ cur seachad beagan uine as a dheigh sin ann an’ Tigh-an-triubhais a’ feitheamh an t-siuil-mhara, thainig mo laochan a nuas, agus an deigh dha tumadh a thoirt anns an t-sàile, laidh e moal-màrbh am measg na feamnach air an traigh goirid bho ’n aite anns an robh am bàta ceangailte aig na feara. An ceann greis thainig na Muilich a nuas thun a bhàta; leum iad uile a stigh ach am fear a bha ri a leigeil mar sgaoil; agus direach an uair a bha e ’dol ga ’fuasgladh faicidh e an sionnach na laidhe, mar shaoil esan, na ’chlosaich mhairbh. “Fhir a th’ ann,” ars’ esan, agus e ga ’thogail air chasan-deiridh, “nach ann ortsa a thainig an dà latha an uair is ann am measg feamainn agus anabas a’ chladaich a fhuair thu do leaba-bhais! C’ aite an robh do chuilbheartan agus do chleasan an latha a ihatnig an càramh so ort? Co dhiubh a b’ urchair na abhag a thug gus a’ so thu? no an deachaidh do bhathadh agus do thilgeadh a stigh an so air bharr nan tonn? Cha bu chearr a chaidh am port so ainmeachadh, “Port-nam-mèirleach, ged nach biodh ann ach gu ’n d’ fhuaradh do chlosach-sa air tìr ann. Ach tha do mhéirle thairis; cha ghoid thu cearc no coora tuille; bheir sinn leinn thu gu fearann a bha thuige so saor o d’ sheorsa, agus tha dochas agam a bhios; lìonaidh sinn do chraicionn lan cònlaich an aite sìthne mar b’ abhaist, agus cuiridh sinn ad sheasamh thu ad bhòcan a chumail nan cearc as a gharadh.” Le so radh thilg e an sionnach a stigh ann an toiseach na geola agus an ropa-toisich air a mhuin, agus phut e air falbh i. Is iongantach mar chuireas rud faon teangannan dhaoine air ghluasad, agus a chumas e aige aon ni iad fad uine. Cha mhor gu ’n deachaidh facal a labhairt eadar Port-nam-mèirleach agus Muile, ach mu shionnaich, Is ann sin a bha na sgeulachdan m’ an timchioll. Bha feadhainn ga ’m moladh agus cach ga ’n càineadh; agus sheinn fear diubh oran Dhonnachaidh Bhàin— Mo bhannachd aig na balgairean, A chionn bhi ’sealg nan caorach! An uair a bhuail iad tir rug fear dhiubh air an t-sionnach agus thilg e fad a laimhe air talamh tioram e. “So!” ars’ esan—“a’ chiad sionnach a bha riabh am Muile.” “Agus tha dochas agam gur e am fear mu dheireadh,” bha fear eile ’dol a fhreagairt an uair a chunnaic iad an sionnach coir a toirtl eum air a chasan, slan, fallain. Thug e suìl thar a ghualainn; chaog e ris an fheadhainn a bha ga ’sheasamh anns a’ bhata mar gu ’n abradh e, “Gu robh math agaibh; cha chaill sibh air;” agus an sin sheall e gu geur air cach mar gu’ m biodh e a’ bagar ciòd a thachradh do na h-uaine acasan an éirig an càinidh airsan; thug e crathadh air fhein; bhog e ’earball ’s thog e a chluasan; thàr e as ris a’ bhruthach, agus cha ’n fhac iad riambh tuille e. Sin mar fhuair a’ chiad sionnach do Mhuile, agus cha robh Muile riabh as a’ dheigh sin gun sionnaich gu leòir. Ma ’s breug uam e is breug thugam e. SIUCRAM-CAM. Na h-Iudhaich. Tha bean-uasal a tha fuireach ann an Irusalem o chionn da fhichead bliadhna ag ìnnse gu bheil àireamh nan Iudhach a’ sìor dhol am meud anns a’ bhaile sin. Da bhliadhn’ air fhichead air ais, bha eadar coig mile deug us fichead mile Iudhach ann an Irusalem. Aig an àm sin cha robh tigh ri fhaotainn air taobh a mach nam ballachan, agus bha na gealachan air an dùnadh na h-uile h-oidhche. An diugh, leis na thainig a dh’ Iudhaich ann à Ruisia, tha an àireamh eadar tri fichead us tri fichead ’sa deich de mhiltean. Tha seaidean làn thaighean air an togail taobh a muigh nam ballachan, air na seann làraichean a bha air am fàsachadh ’s air an tréigsinn o chionn iomadh ceud bliadhna. Air feadh Phalestin air fad tha na h-Iùdhaich a’ ceannach fhearann agus a’ gabhail seilbh air an tir air dòigh a tha ’cur iongantais air na h-uile. Ann an Irusalem tha iad ann an àireamh na ’s mò na tha aona chuid na Criosdhidnean no na Mahomadanaich. Cuiridh e aoibhneas air moran a bhi cluinntinn gu bheil aireamh cho mor de shliochd Abrahaim, an deigh dhaibh a bhì air am fògradh ’s air an sgapadh air feadh an t-saoghail ùine cho fada, a nise a’ tilleadh dh’an dùthaich fèin. Ri linn a’ Phàp Leo X., sgriobh Eadailteach àraidh leabhar mu’n dòigh air deanamh òir, agus an dòchas gu faigheadh e duais mhath air a shon, choisrig e an leabhar do’n Phàp. Thug am Pàp fa-near gu robh an duine ’ga leantuinn gach taobh an rachadh e, agus air son faotainn cuibhteas e, thug e dha aon latha, sporan mor falamh, ag ràdh, “O’n is aithne dhuit fhéin an dòigh air òr a dheanamh, cha’n eil feum agad air ni ach sporan mor anns an gleidh thu e.” Tha na muilleinean de dhaoine anns na h-Innsean an Ear a’ deanamh am beòlaind, a’ pòsadh, agus ag àrach theaghlaichean, ’s gun an teachd-a-steach an uair a’s fhearr i, os cionn da thasdan ’san t-seachdain, agus gle thric cho iseal ri ochd sgillinn deug. Ach an deigh sin tha iad fhéin ’s an teaghlaichean slàn fallain. Tha ceannaiche ti ann an cearn àraid dhe’n t-saoghal a cur sanais anns na paipearan-naigheachd mar a leanas:—“Duine sam bith a dhearbhas dhòmhsa gu bheil ni sam bith ’san ti agam a tha cronail do shlàinte dhaoine, bheir mi dha còig puinnd dhi a nasgaidh.” Tha Reic mhor Aodaich aig D. J. Domhnullach. Tha gach ni ’ga reic cho saor ’sa ghrbhas e. ’S coir dhuit taghal aige. [TD 92] [Vol. 5. No. 13. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, OOTOBER 3, 1896. Gu de a thainig ugainn leis a phoica an la roimhe ach cnapach bocsa làn fraoich as an Eilean Sgiathanach, “Eilean gorm a Cheò,” agus co chuir ugainn e ach ar deagh charaid “IAIN.” Gu ma fada beo e! Thainig mar‘ an ceudna litir ann an cois a bhocsa, ag iarraidh oirnn beannachdan a thoirt uaithe-san dh’ ionnsuidh a h-uile fior Ghàidheal air an taobh so dhe’n chuan, agus a gabhail a leisgeil air son cho ainneamh ’s a sgriòbh e dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA air an t-samhradh so. Tha e ’gealltuinn uile dhichioll a dheanamh air sgriobhadh an deigh so. Bha e o chionn ghoirid ann an Uidhist a chinn a Tuath, agus bheir e iomradh air a chuairt dhuinn an uine ghoirid. B’ fhearr leinn gu robh moran chàirdean aig a’ phaipear Ghàilig cho math ri “Iain,” agus cho toileach air gach ni a tha na chomas a dheanamh air son a chumail air adhart. Buaidh us piseach air! GAIDHEIL LUNNAINN.—Tha an class Gàilig is àbhaist dhaibh a bhi aca gach geamhradh gu bhi air fhosgladh an ceann seachdain. Tha an Lighiche Mac Illiosa, Iain Mac Coinnich, agus I. G. Mac Aoidh ri bhi ’nan luchd teagaisg, agus tha iad an dochas gu’n gabh àireamh mhor de Ghàidheil a bhaile-mhoir sin an cothram so air iad fhéin fhoghlum ann an cainnt an duthcha. ’S iad na leabhraichean a bhios aca sa chlass, Gramar ’Ic Illiosa, Leabhar-leughaidh an Oileir ’Ic Fhionghain, agus leabhar eile a tha iad fhéin a’ faotainn air a chlo-bhualadh. Tha Gàidheil Lunnainn, le’n eud ’s le’n dichioll as leth an cànain féin, a’ toirt eiseimpleir bu chòir a bhi air a leantuinn le’m bràithrean anns gach cearna dhe’n t-saoghal. Thill Lieutennant Peary agus a chuideachd as an àirde tuath air an t-seachdain s’a chaidh; thainig iad a stigh do’n acarsaid so a sheachdain gus an diugh. Dh’ fhalbh iad as a so air an turus do’n fhuar-thir air a 15mh latha de dh’ Iulaidh, agus chaidh iad astar da cheud air fhichead (2200) de mhiltean a tuath. Fhuair iad air adhart gu math, agus gun sgiorradh sam bith a dh’eiridh dhaibh eadar fhalbh us tighinn, B’e ’n t-aobhar sònruichte air son an d’ fhalbh iad dreag (meteor) mhor a fhuair Peary turus a bha e tuath ròimhe, agus a bha toil aige thoirt dhachaidh, ach cha deachaidh sin leotha, oir bha an dreag cho trom ’s nach gabhadh i togail leis na uidheaman a bh’aca. Bha iomadh ioghnadh agus ni luachmhor aca tilleadh; am measg nithean eile bha da mhathan gheal aca, cuileanan air an d’ rug iad còmhla ri ’m màthair air cuap deighe, deich coin Escimòth, eòin, craicinn-ròn, agus bàtaichean (kayaks.) Thug iad dhachaidh craobh da throidh dheug a dh’fhad agus fichead ’oirleach troimhpe, agus i air a dhol ’na cloich. Chaidh moran a mhuinntir a bhaile air bòrd an t-soithich a dh’amharc air na nithean iongantach agus neònach so. Chuir iad gach air ni a charbad-iaruinn oidhche Shathurna, agus ’sa mhaduinn Dì-luain, dh’-fhalbh iad fein ’sau cuid imrich do na Stàitean. Thill an soitheach, a’ Hope, do Newfoundland. Tha pris fluir ag eiridh. Chaidh leth-dolair am barailte chur air an t-sechdain s’a chaidh. ’S e ’s coireach ri sin pris a chruithneachd a bhi ’g eiridh ann am Manitoba. Tha na tuathanaich a nise faighinn deich no dusan sent am buiseal a bharrachd air na bha iad a faighinn o chionn beagan uine air ais. Sean-Fhacail. An uair a thig latha fliuch, tubhaidh mi taigh; an uair a thig latha math, cha tubh taigh no taigh. An uaisle dhubh ’s gun dad gu ’cumail suas. Aois coin, tri bliadhna ’na chuilean, tri bliadhna ’na neart, agus tri bliadhna ’dol air ’ais. Aon fhear a dh’ iarras, dà fhear a dh’ òlas. An uair a bhristeas aon bhó an gàradh theid a dhà dheug a mach air. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 93] [Vol. 5. No. 13. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha sinn ’a cluinntinn gu bheil an trosg gu math pailt air cladaichean Arichat, L’ Ardoise, Ghabarus, agus Mhargaree, agus gu bheil rionnach foghair gu math pailt air cladaichean a tuath siorrachd Victoria. Chaidh tuathanach do’m b’ ainn Boyle a mhort air son a chuid airgeid ann an cearna de dh’Ontairo an la roimhe ’se a’ tilleadh dhachaidh an deigh dha bhi ’sa bhaile a’ creic cruithneachd. Cha d’ rinneadh greim air a mhortair fhathast. Tha factoridh tombaca rì bhi air a fosgladh ann an Sidni an ùine ghoirid. Tha dithis dhaoine, Iain agus Lewis McKenna, a bha roimhe so ris an obair cheudna ann am Pictou, an deigh am baile sin fhàgail, agus a nise a’ dòl a chur suas anns a’ bhaile so. Chaidh fear Eachunn Mac Coinnich, a mhuinntir Cheap Breatuinn a mharbhadh an Newfoundland air an 21mh latha dhe’n mhios a dh’fhalbh le meall de chloich theine a thuiteam air ’s e ’g obair ann am meinn. Bha e ’na dhuine measail, agus dh’ fhag e bean agus coignear chloinne. Tha na tuathanaich an deigh bàrr briagha feoir us arbhair a chur a stigh air an fhoghar so. Tha am buntàta aca ri bhuain fhathast agus a reir gach coltais chan eil e gu bhi gle mhath. Tha an grodadh air tighinn ann gu dona, agus ann an àiteachan co-dhiu, cha bhi e faisg cho math ’sa b’àbhaist dha bhi. Ach air an eilean so ’s ainneamh leis a bhuntàta bhi math a bhliadhna bhios gach ni eile math. An t-side fhreagras do’n fheur ’s do ’n choirce, cha fhreagair e do ’n bhuntàta. Tha e pailt gu leòr ann an Eilean a’Phrionnsa ach tha na prisean gle iseal. Iadsan a Phaigh An t-Urr. D Domhnullach Strathlorne. Iain Mac Aidh, Millville, $3.00 Domhnull Johnstone, Leitche’s Creek. Eòbhan Mac Leoid, Gabarus. Domhnull Martuinn, Orangedale. An t-Urr R. H. Dughlach, Margaree. Aonghas MacFhearghais. Port Morien. Ailein Mac-a-Phiocair, Port Morien. D. J Johnstone, Cobh an t-Saighdeir. Gillesbuig Mac Fhearghais, Grand River. An t Urr M, A. Mac Coinnich, Grand River. Caitriona Chaimbeal, Plaister. Calum Mac ’Ille-Ghiurm, Valley Mills. Domhnull Mac-an-Fhùchdadaìr, Acarsaid chloinn Fhìonghain. Ceit A, Ghillios, B. C. Banks. Tormoìd D. Mac-Neill. Benacadie. D. B Mac-a-Mhaighstir, Creaganais. Iain Mac-an-Toisich, Louisburg. Ruairi Mac Coinnich, Loch Bhlackett. Aonghas Buchanan, Marsh Lake. Steaphain Mac Neill, Cobh a Bhebheìr. Seumas Buchanan, Caledonia. Uilleam Mac Aidh, am Bras d’Or Beag. Murchadh Domhnullach, Ceap Nor. Mairi Nic Neill, Iona. Eobhan Mac Aonghais, Allt Dubh Mhira. Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove, $2.00 Iain W. Domhnullach, Louisburg Ailein Domhnullach, Amhuinn a Bhradain Bean Mhurchaidh ’IcLeod, Baddeck Domhnull Mac-a-Phearsain, Grand Narrows Niall Mac Gilleain, Fourchie Padruig Moireastan, Sidni Murchadh Moireastan, Sidni Eachunn Mac Neill, South Bar, 50c. Iain Kempt, Leitch’s Creek, 50c. D. H. Domhnallach, Leitch’s Creek, 25 An t-Urr. C. Caimbeal, Strathalba, P.E.I. Murchadh Mac Leoid, Cornwall, P.E.I. Donnacha Mac Coinnich, Amhuinn Mhitchell, P.E.I. Dòmhnull R. Stuibhart, Belle Creek, P.E.I. Aonghas Domhnallach, Valleyfield, P.E.I. Domhnull Martuinn, Valleyfield, P.E.I. An t-Urr, R. Mac Gilleain, Valleyfield, P.E.I. Lachuinn Mathanach, Caledonia, P.E.I. An t-Urr. I. C. Mac-Ille-mhaoil, Cardigan, P.E.I. Calum Mac ’Ill-Fhaollaìn, St. George’s, P.E.I. Aonghas H. Mac ’Ill-Fhaollain, St. George’s, P.E.I. I. R, Mac Leod, Orwell, P.E.I. D, I, MacLeoid, Ch’town, P.E.I An t-Urr D Mac Neill, Ch’town, P.E.I. Calum Mathanach, Braid-Albainn, P.E.I. D Mac Fhionnlaidh, Braid-Albainn, P.E.I. Calum Buchanan, Braid-Albainn, P.E.I. Nail Caimbeal, Braid-Albainn, P.E.I. Iain A Caimbeal, Heatherdale, P.E.I. Alasdair Mathanach, Heatherdale, P.E.I. Alasdair Mac-a-Phi, Amhuinn a Deas. N S An t-Urr D M MacEamuinn, Antigonish, N S Bean Iain Mherlin, Springhill, N S Domhnull Johnstone, Springhill, N S D Mac Fhearghais, Penetanguishene, Ont. Alasdair Mac Ealair, Penetanguishene, Ont. Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont. N A Domhnullach, Ripley, Ont. U A MacLeoid, McCrinmon P O, Ont. S Mac Crimein, McCrinmon P O, Ont. Padruig Crawford, Chatham, Ont. Prof R C Harris, Kingston, Ont $5.00 Tormoid Moireastan, Peverll, Que. Ceit F Nic Leoid, Peverll, Que. An t-Urr E Lamont, Grand Metis, Que. W J Domhnallach, Regina, Assa. Padruig Mac Fhionghain, Earlswood, Assa. C L Smith, Lackeport, N H Seumas B Stiubhart, Stephen, Minn Ailein R Domhnullllach, Albany, N Y Barbara Nic-a-Phearsain, Brighton, Mass. Ailein Mac ’Ill-Fhaollain, Roxbury, Mass. Domhnull Mac ’Ill-Fhaollain, Roxbury, Mass. Naill MacNeill, Boston, Mass. R J Mac Eachain, Colorado Springs, Colorado J D MacPharlain, Knappa, Oregon. D Mac Rath, Vancouver, B C Naill MacLeoid, Victoria, B C Seumas Mac Neill, Barra, Alba An t-Urr D Mac Gilleain, Diuranais, Alba D H Domhnullach, Wellsford, N B Alasdair MacAmhlaidh, Waipu, New Zealand. Tha faisg air da mhios o nach do chlo bhuail sinn ainmean na muinntir a phaigh, agus uime sin tha àireamh mhath againn ri thoirt seachad air an t-seachdain so. B’ fhearr leinn gu robh an àireamh a dha uiread; cha bu mhisde am Mac-Talla dad e agus cha bu mhisd iad fhein e na bu mho. Fhuaireadh nighean bheag, aois naoidh bliadhna ciontach de mhort o chionn ghoirid, ann a Holly Springs, Mass. Mharbh i nighean peathar no bràthar dhi fhéin Chaìhh a cur d’ an tigh-obrach. Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan Curraichdean, Leintean agus Brògan, aig D J. Domhnullach. Tha a phris iseal, ’s tha gach ni a gheibh thu aige math. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c, Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. [TD 94] [Vol. 5. No. 13. p. 6] MU NA DRUIDHIBH. B’ iad na Druidhean ré ioma linn Sagartan agus Feallsanaich na Roinn-Eòrpa. ’Se ’s ciall do’n fhocal Druidh, duine glic. Bha an òigridh a bh’air an gabhail a stigh chum na dreuchd so, sa’ cheud dol a mach, air an ainmeachadh Eubages, no na deagh phàistean a bha air an taghadh a mach o na teaghlaichibh a bu mheasala san dùthaich, a mhuinntir dhiubh a nochd am barrachd spéis mu fhoghlum, agus gliocas agus giùlan. Mar thàinig iad so air an aghaidh bha chuid bu teòma dhiubh air an àrdachadh gu bhi ’nan Seanachaidhean; riutha so bha eachdraidh na duthcua, agus sloinnteireachd gach teaghlaich ’an earbsa; agus asda so, a réir mar dhearbh siad iad féin a bhi airidh air an urram, bha na Bàird, an treas ceum am measg nan Druidh, air an taghadh. B’e gniomh nam Bàrd a bhi seinn cliù ghaisgeach, agus a’ mosgladh an t-sluaigh gu treubhantais. B’iad an dain toil-inntinn gach cuirme agus còmhdhalach. Bha iad so ann am meas mor anns gach dùthaich; ’s gu h-àraid ann an Gaeltachd Alba. ’S ann a mach o’n a chuid a b’ ainmeala do na Bàrdaibh a bha na Druidhean air an taghadh; ’s o’n àireamh a b’ urramaiche dhiubh so bha COIBHI, no’n t-ARD-DHRUIDH air a thaghadh. B’esan Ceann-suidhe gach cuideachd, àrd-bhreitheamh gach cùise; o’ bhinn cha robh dol as: bha’n t-urram a b’àirde air a bhuileachadh air, agus an earbsa bu mhò air a chur na chàirdeas agus ’na cheartas. Uaithe so tha seana ghnàth-fhocal againn, “Ge fagus clach do làr, ’S faisge na sin cobhair Chobhi.” Bha ùghdarras aig na Druidhibh thar gach ni; os ceann laghannaibh, cleachduinnibh, foghluim, agus creidimh na dùthcha. Bha òigridh na tìre gu léir air an àrach fòdhpa; b’e miann clann righ a bhi dhiubh; agus bha na righrean féin gu mor fo’n smachd. ’Nan làimh ghiùlain iad slat na druidheachd: m’ am muineil bha cloch bhoillsgeil rìomhach air a suidheachadh ann an òr, gus an d’ thug iad air an t-sluagh a chreidsinn gu’n robh éifeachd agus buaidh àraidh innte. ’Nam breacain bha sèa dathan, am feadh nach robh aig na righribh féin ach seachd. Rinn iad aoradh do aon Dia fo’n ainm Beil, no Beathuil, tùs beatha gach ni; ach ge nach d’ aidich iad ach aon Dia fo’n ainm sin, cha b’ urrainn doibh smuaintean freagararch arach mu nàdur spioradail na Diadhachd. Ghabh iad, uime sin, a’ ghrian mar an sàmhladh, air leo, bu riochdaile air a’ Chumhachd mhor sin a tha toirtath bea do gach ni. ’Nam beachd, b’i ghrian an cuspair a b’ àillidh, agus bu ghlòrmhoire sa’ chruitheachd air fad. Chreid iad, mar an ceudna, ann an droch-spìorad, nàmhuid an Ti a’s àirde, ris an abradh iad an t-Aibhisteir, no am fear-millidh. Chreid iad, mar an ceudna, ann an neo-bhàsmhorachd an anma; agus gum faigheadh daoine san ath bheatha a réir mar thoill iad san t-saoghal so. Thug iad Flathinnis. mar ainm air an àite d’an rachadh spiorada dheagh dhaoine an déigh am bàis. Anns an àite shona so bha samhradh do ghnàth agus òige gun sean aois:—bha ’ghrian ’na h-àilleachd:—bha oiteag chiùin a’ chéitein, agus uisgeachan fiunnar ri torman. An sin cha robh gaoth air na sléibhtibh, no neul air aghaidh nan speur. Bha ceòl binn anns gach doire, agus bha gach craobh a lùbadh fo bhlàth. Cha chluinnte osna no caoidh an sin; ach fiamh-ghàir’ air gach gnùis, agus buan-shòlas a chaoidh ’ga shealbhachadh. Calg-dhìreach an aghaidh so, bha’n t-ionad ris an abradh iad Ifrinn, àite dorcha, ùdlaidh, mi-thaitneach, air nach ruig dealradh soluis no gath giéine; far an robh gach creutair a b’ oillteala agus bu sgreimheala, ’s a h-uile ni a b’ urrainn an inntinn a smuaineachadh gu uamhas a dhùsgadh sa’ chridhe. Bha’n t-àit anns am b’àbhaist do na Druidhibh cruinneachadh airson aoraidh, air a chomharrachadh a mach le cuairt de chlachan mora, ris an abradh iad an Clachan. Tha moran dhiubh so ri’m faicinn feadh na rioghachd; agus ’s ann uatha so a tha ’m focal Clachan air a ghnàthachadh gus an là ’n diugh, mar ainm air ionad-aoraidh. Ann am meadhon na cuairte, bha gu minic aon chlach mhòr a bh’aca mar altair, ris an abradh iad Crom-leachd, no clach-shleuchdaidh. Bha cuid diubh so anabararch mor. Bha aig na Druidhibh an làithean féille: b’ iad an dithis a b’ ainmeile dhiubh so latha Bealltainn agus latha Sàmhna. Air là Bealltainn, mar tha’m focal a’ ciallachadh, (Beilteine, no teine Bhaail,) bha gàirdeachas mor air a dheanamh: bha teine air a lasadhair gach b’ àirde, a chur fàilt’ air teachd na gréine ’na teas agus na blàs, a bha aca mar shamhladh air an dia Beil. B’e ’n t-ath là féill a bh’aca an t-Samhuinn, an sàmh-theine, no teine na sith. Bha e mar fhiachaibh air muinntir na tìre air fad air oidhche Shamhna gach teine a chur as gu buileach, agus teachd a dh’ ionnsuidh nan Druidh a dh’ ìarraidh éibhle-bheothachaidh o’n teine naomh a bha air a lasadh agus air a choisrigeadh leò-san. Ma bha aon neach san dùthaich ciontach do ghnothach olc air bith sa’ bhliadhna chaidh seachad, cha’n fhaigheadh e srad do’n tein-naomha so, gus an tigeadh e fo mheachainn nan Druidh. Nan éireadh dha bhi co dàna, ’s gun cuireadh e’n aghaidh so, bha e air a sgaradh a mach o bheannachd nan Druidh, binn a b’ eagallaiche na’m bàs. Thòisich aoradh folluiseach nan Druidh le dol tri uairean deis-iùil mu’n chàrn, a’ leantuinn mar so slighe na gréine, chum gu’n soirbhicheadh leo anns gach cùis: agus cha robh peanas bu chruaidhe a dh’fheudadh an Druidh a leagadh air neach na toirt air dol tuath-iuil mu’n Chlachan. Bha na Druidhean ro chàirdeil ri coigrich: dhoibhsan bha gach dorus fosgailte, agus gach aoidheachd air a thaisbeanadh. Chum na Druidhean, mar luchd-riaghlaidh na dùthcha, gach coinneamh air càrnaibh, a bha air an càramh thairis air cionntaich a dhìt iad aig am mòd, agus a chuireadh gu bàs le’n reachd. ’S ann o’n chleachdadh so a tha esan fo bhinn an laghaair ’ainmeachadh fear fo charn; agus ’s ann o so tha’n guidheachan ag éiridh, ’s oil leam nach robh thu fo chàrn: b’ fhearr leam a bhi fo charn chlach. Mar dhearbhadh air a’ mheas mhor a bh aig daoinibh air na Druidhibh anns na h-amaibh dorcha sin, bha iad ’am barail gu’n robh rionnag air a cur a nuas o nèamh a choinneachadh an anama aig àm am bàis: ’s ann uaith so tha ’m focal dreug no druieug, againn sa’ Ghaelic; agus tha cuid do dhaoinibh amaideach fathast an dùil nach’ luaithe chi iad teine drithleannach don ghnè so ’na dhian-shiubhal o’n speur, na smuainicheas iad gu’n cluinn iad ann an ùine ghoirid mu bhàs duine mhoir, no chumhachdaich. Bha na Druidhean foghluimte ann am Feallsanachd nàduir, mu ghluasad na gréine ’s na gealaiche, agus mu imeachd nan réull. Bha’n t-eòlas so ro fheumail ’s na lìnntibh sin, an uair nach robh riaghailt-stiuraidh eil’ aca; ’s a b’éigin doibh an gabhail a dheanamh air reull, mar tha ’m focal re-iùl no ruith-iùil a’ ciallachadh. Cha’n ’eil aon ni is mò a leigeas ris dhuinn ìnnleachd agus eòlas nan Druidh, na an dòigh anns an do ghiùlain iad anns na h-àmaibh sin, clachan a bha co nor ’s gu’n gabhadh iad còrr agus ceud each g’an tarruing: agus bha iad air an giùlan do ionadaibh anns nach b’urrainn eich imeachd, agus air an càramh gu socrach os ceann a chéile. Bha cuid diubh so air an toirt séa mile-deug air astar, air uairibh feadh garbhlaich agus ri cas-bhruthach. Tha daoine fiosrach ’am barail gu’n robh iad làn-eòlach air eifeachd luibhibh, leis an d’ oibrich iad iomad leigheas iongantach. Ann an aon fhocal, cha robh ni sam bith air a mheas os ceann an cumhachd; ach cuid do ghniomhara mora agus uamhasach naduir a chuirear amhàin as leth an Uile-chumhachdaich. Uaithe so tha ’m focal Miorbhuil no Meur-Bheil againn anns a’ Ghaelic, airson aon ni a tha os ceann cumhachd cruthaichte. ’Nuair a bheachdaicheas sinn air a chreidimh Dhruidheach, am meas gus an d’thàinig é, mar bhuadhaich e ann an ioma rioghachd o linn Noaih, gu inbh bhig, a nuas gu laithean Iulius Cheasair; tha e ’na aobhar iongantais cia mar thilgeadh bun-os-ceann e. Chuir e cumhachd na Ròimhe g’a dhùbhlan; rinn e fanoid, ré ioma linn, air a feacddan ainmeil; ach faidheòidh, thànig solus an àigh do’n Eilean Bhreatunnach, agus thàr na Druidhean as do na cùiltidh a b’ iomallaiche ’s do na h-eileanaibh a b’ uaigniche. Air am fògradh as gach earrainn da Albainn, [TD 95] [Vol. 5. No. 13. p. 7] thuinnich iad mu dheireadh ann an I, cùlthaobh Mhuile, ris an abradh iad san àm sin Eilean nan Dnuidh. Dh’eirich an ùr-mhaduinn o’n àird-an-Ear air I, agus air lionmhorachd nau eileanibh: shearg na Druidhean as fo ghathaibh glòrmhor Gréine na fiaeantachd. Anns an àm sin thàinig Calum-Cille ’na churach le ’dhà-fhear-dheug maille ris. Thug esan am buile bàis do chreideimh nan Druidhneach; agus las e àrd lòchran an t-Soisgeil, o’n d’ fhuair dùth channaibh, agus rioghachdan solus agus eòlas, a bha roimhe so ann an dorchadas agus fo sgàil a ’bhàis.—Leabhar nan Cnoc. Leabhar Ur. Tha an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair air iomadh comain a chur air na Gàidheil leis an liuthad leabhar-òran a tha e’n deigh a chur a mach. Tha nise leabhar ùr beul ri bhi ullamh aige, “Na Baird Ghailig bho 1775 gu 1825,” agus cha bhi e dad air dheireadh air na leabhraichean a chuir e mach roimhe. Cha’n abair sinn a bheag uime ’n dràsda, oir bidh e mach ma dh’ fhoaidte ’n ceann seachdain eile, agus bheir sinn iomradh na’s fhearr air an uair sin, ach gheibhear an clar-innse a’ leantuinn so, agus tuigear uaithe sin meud an leabhair agus àireamh nam bàrd aig am bheil òrain ann. Tha an leabhar ’ga clo-bhualadh ann an oifis a MHAC-TALLA. An Clar-innse. Taobh-duilleig 1. Somhairle Camaran, 1 2. Domhnall Gobha, 6 3. Aonghas Caimbal, 4 4. Micheil Mor Domhnallach, 9 5. Mr. Tormaid Mac-Leoid, 11 6. Mr. Iain Mac-a-Ghobha, 13 7. Mari Nic-a-Chleirich, 16 8. Mairearad Ghobha, 19 9. Mr. Tearlach Stiubhart, 21 10. Alasdair Buidhe Mac-Iamhair, 23 11. Ailein Dall, 26 12. Iain Grannda, 33 13. Calum Dubh Mac-an-t-Saoir, 39 14. Coinneach Mac-Coinnich, 35 15. Mr. Seumas Mac-Griogair, 45 16. Iain Mac-Griogair, 55 17. Seumas Mac-Gille Sheathanaich, 59 18. Calum Ban Mac-Mhannain, 80 19. Conneach Mac-Coinnich, 63 20. Murchadh Ruadh Mac-Coinnich, 65 21. Alasdair Stiubhart, 70 22. Uilleam Ros, 73 23. Ruari Mac-Coinnich, 77 24. Gilleasbig Mac-Gilleain, 85 25. Gilleasbig Mac-Phail, 95 26. Mr. Rob Mac-Griogair, 98 27. Alasdair Mac-Fhionghain, 101 28. Alasdair Grannda, 108 29. Aonghus Séath, 111 30. Eoghan Mac Lachainn, 117 31. Domhnall Domhnallach, 122 32. Ailein Mac-a-Lèith, 127 33. Aonghus Mac-an-Fheisdeir, 130 34. Domhnallach na Toiseachd, 132 35. Domhnall Ban Mac-Gilleain, 137 36. Iain Domhnallach, 140 37. Domhnall Domhnallach, 143 38. Padruig Grannda, 134 39. Domhnall Mac-Leoid, 144 40. An Cubair Colach, 146 41. Domhnall Cubair, 153 42. Am Bard Mac-Gilleain, 155 43. Dughall Mac-Eachairn, 162 44. Iain Gobha, 169 45. Am Piobaire Mac-Gillebhrath. 171 An uair a theid crodh chàich an diosg ’s ann a ni breunag an càise. Bha fear-lagh òg ann an Albainn uair a tagradh càis aig cùirt, agus thug na breitheamhna a bhreith a mach ’na aghaidh. An sin dh’ éirich esan, agus thuirt e gu robh a’ bhreith a thug iad a mach a’ cur ioghnàdh nor air. Chuir so fearg air na breitheamhna, agus bha iad a’ dol a chur càin air air son a chuid ladarnas. Ach an sin dh’ éirich seann fhear-lagha a bha làthair, am fear a bha tagradh a chàis an aghaidh an duin’ òig, agus rinn e eadar-ghuidhe air a shon. Ars’ esan ris na breitheamhna, “Tha mo charaid foghluimte an so òg; na’n robh e na bu shine, agus cho eòlach oirbh ’sa tha mise, cha bhiodh iongantas air air son breith sam bith a bheireadh sibh.” Ghabh iad ris a sin, ged nach robh e moran na b’ fhaide air an taobh na bha na thuirt am fear eile. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co, Mai 4. ’95; C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 96] [Vol. 5. No. 13. p. 8] Am Buanaiche. Tha buanaiche d’ an aìnm am Bàs, Le ’fhal ro ghuineach, geur, A’ toirt nan diasan garbh gu làr, ’S gach blàth ’tha fas mu’ ,n frèumh, “Am faigh mi,” deir e, “nì a bhuain Ach diasan cruaidh’ gun bhrìgh? Ged ’s toigh leam anail chaoin nam flùr, Liùbhram iad suas a rìs, Thog e flùrain, shil a dheòir, Is phòg e ’n duilleach uain’; Is ann do Thighearna nam Feart A thaisg e iad na ’sguaib, “Mo Mhaighstir tha am féum nam blàth,” Gu ’n d’ rinn e ràdh le aoidh, “Mar Chuimhneachain air làithean ’oig, ’N uair chòmhnuich e ’m measg dhaoin, “Ath-chuiream iad ’s a’ Phàrras Nuadh, ’S gu buadhmhor ni iad fàs, ’S bidh iad mu thrusean geal nan naomh, A’ boillsgeadh mar an la,” Liubhair a’ mhàthair, ’s dèur na sùil, A flurain lurach, òg, An dùil ri ’m faicinn uile slàn; An àros Righ na Glòir. Am Buanaiche cha robh fo ghruaim A’ buain nam blàthan sèimh; ’S e aingeal glòrmhar ’thainig nuas, ’S thug leis iad suas gu neamh. Cumha Hirteach. Chaidh an Cumha so a dheanamh le mnaoi òig Hirteich d’ a fear-pòsda; do ’n do thachair dol leis a’ chreig anns an robh e ag ianach ann an Sòthaidh, aon de na h-eileanan beaga, creagach, a tha laimh ri eilein Hirt; an t-àite anns an cula mi an luchd-seinn òran agus shalm, a ’s fonnmhoire, ’s a ’s rèidhe, ’s a ’s binne guth dheth na chuala mi riamh, D, R, M, ’S ann air tràigh eilean Shòthaidh ’Dh’ fhàg mi m’ òganach glèusda; Urra ’dheanadh mo thacar, ’S tabhairt dhachaidh na sprèidhe. FONN— Fath mn dhiachainn ’s mo leonaidh? Mo chearach bhroin, ’s mo chreach leirikhl Mo chreah’ adhlaicit’ an dolas, Cha tog ceol, no cung leighe. Ged a thuit tu bho ’n creig ud, Cha b’ e ’n t-eagal a lèum thu; ’S ann rinn do chas sraonadh, ’S cha do dh’ fhaod thu riamh èiridh, Fath mo dhiachainn &c, Dhòirteadh d’ fhuil air a chloich ud, Bha do lot an deigh lèumadh, Bha thu muigh air bhàrr stuaidhe, ’S muir ga d’ fhuasgladh bho chèile, Fath mo dhiachainn, &c, Thàinig thugam do mhàthair, Gun i chàradh a brèid oirr, ’S ruith do phiuthar ’n uair ’chual i, Ach b’ fhad’ uainn far an d’ èug thu, Fath mo dhiachainn, &c, ’N uair a thàinig do bhràthair, B’ àrd a ràn ga do lèirsinn, ’S gath ’n ar cridhe ga shàthadh, Faicinn d’ àmhgar an cèin uainn, Fath mo dhiachainn, &c, ’S e ’tha ’torradh mo thruaighe Mar ’thuit fuar-bhuile ’n èig ort, Gun neach fagus, a ghaoil, ort, ’Bheireadh faochadh ’n a d’ fhèum dhut, Fath mo dhiachainn, &c, A seachd beannachd nan cairdean, ’S a lon làidir na féuma, Tha mo chuid-sà de ’n ianlaith Feadh na h-iarmailt ag éigheach Fath mo dhiachainn, &c, Tha mo chuid-s’ dheth na h-uibhean Aig a bhuidhinn a ’s tréubhaich’; Cha ’n ’eil dhòmhs’ ach’bhi riaraicht’ Le cruaidh dhioghlum na h-éiginn. Fath mo dhiachainn, &c. Eoin nan spèur, s iasg nan cnantan, Leam bu shuarrach gu leir iad, Na ’m biodh laimh rium mar ’b’ àbhaist Pearsa ghràidh fir mo spèise. Fath mo dhaichainn, &c, Ach cha ghluais guth mo bhròin-sa Dhachaidh beò thu gu d’ chéile— ’S ann air tràigh eilean Shòthàidh ’Dh’ fhàg mi m òganach gleusda, Fath mo dhiachainn, &c, STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. REIC AODAICH A’s mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh. A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct. Tha mi ’n deigh stoc anabarrach mor de dh’ Aodaichean Deante a cheannach bho na taighean a’s fhearr an Canada, air pris cho iseal ’s gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu, Cho saor ’sa dh’ iarradh tu. Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caite ’m bheil sinn. Anns an stor a tha ’n aon tigh ais a’ Bhanca. D. J. DOMHNULLACH. [TD 97] [Vol. 5. No. 14. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 10, 1896. No. 14 As an Iar Thuath. FHIR-DHEASAICHIDH:—Anns an litir a sgriobh mi ugaibh m’a dheireadh, gheall mi, na’m faicinn gu m faigheadh i cuil air choireigin na ’r paipear gasde, gu’n toirinn gearr-iomradh anns an ath te, air tighinn air adhart nan Gàidheal anns an Iar-Thuath. Cha ruig mi leas iomradh a thoirt air an turas; cha do thachair dad a mach a cumantas a’s fhiach ainmeachadh; a dh’ aon fhacal, chaidh an imrich dhuinn cho soirbheachail ’s a dh’ iarramaid, moran, tha mi creidsinn, na bu lugha allaban na gach aon a thainig romhainn, na bu lugha saothair a steidheachadh dhachaidhean ùra an deigh tighinn, na ’n fheadhainn aig an robh ris a “choille ghàbhaidh ’chur as a bonn,” oir bha raointean ’s còmhnardan gu ’n toil aca airson neart nan damh mhora fhiachainn; ach se eich a tha dol an diugh ’o na bhristeadh am fearann aon uair. Tha mu leth-chiad teaghlach ’sa choimhearsnachd, a chuid mhor dhiubh á Uidhist-agus tha mi ’creidsinn gu bheil càirdean aig cuid dhiubh am measg leughadairean MHIC-TALLA. ’S aithne dhomh dluth chàirdean agus piuthar do dh’ Iain, a bhios a’ sgriobhadh ugaibh á Albainn. Faodaidh mi radh ged a tha e gle fhurasda do dhuine bochd cosnail bho-shlaind a dheanamh an so, nach eil moran airgeid ach ainneamh am pòca tuathanaich. Tha innealan tuathanachais fhéin a toirt a mach, moran, ’us cha tigear as an aonaìs, oir feumaidh an obair a bhi deante le eallamhachd ’s aig a h-àm fhein; ach air a shon sin tha biadh ’us amhlan ma seach aig an duine ’s isle staid, bho àm gu àm. Bha sinn gle fhortanach a thaobh chomhairleichean spioradail, oir tha sagart agus-ministir ’n ar measg a labhras ar canain aosmhor fhein. Buinidh an sagart, an t-Urramach Dabhaidh Gillios dh ah’ Alba-Nuadh, agus an ministir an t-Urramach Donnachadh Mac Ille-Mhaoil do Sheann Alba. Tha tri sgoiltean mar measg anns a bheil rogha ionnsachaidh ’ga thoirt seachad, ach leis cho sgapte ’sa tha na daoine, feumaidh iad a bhi nan tàmh fad an fhuachd ’se sin ceithir miosan; ach tha mi duillch nach eil a Ghailig a measg na’n cuspairean, ged is i tha chlann a’ clunntinn aig na taighean ’sa labhairt a measg a cheile, tha ’n fheadhainn nach àirde na ghlùn cho fileanta air a Bheurla, ’s ged a bheiate ’s na bailtean mora iad. Cha ’n eil tuarasdail cho math ’sa bha iad, no obair fhear cho furasda faotainn, ach d aonnan aig àm na buana ’s a bhualaidh bidh e furasda gu leòr cosnadh fhaighinn le tuarasdail eadar fichead ’s da fhichead dolair ’sa mhios; ach gheobh nighean obair aig àm sam bith tuarasdal eadar, us ochd us coig dolair dhiag ’sa mhios ann an taighean blatha seasgair. Tha’m barr aig an àm a bheil mi ’sgriobhadh an ire mhath a bhi fo dhion. Tha ’n gràn moran na’s fhearr na bha e ’n uiridh, us bi dòchas againn gu’m bì na prisean na’s fhearr, co dhiu tha coltas subhach an aogais nan tuathanach fhathast le dochas. Cha bhi mi deanamh na lit reach so na’s fhaide eagal moran rum a thoirt a mach, ach an uair a thig am fuachd, am na socair sgriobhaidh ni tuilleadh; ur caraid, SEUMAS N. MACFHIONNGHAIN. Earlswood, N. W. T., Oct. 2, ’96. Mu na Laplannaich. Tha’n dùthaich sa ’m bheil iad so a chòmhnuidh, fo shneachd agus reothadh an earrann a’s mò do’n bhliadhna, agus cha’n fheudar a ràdh gu bheil iad as an eugmhais fad an t-samhraidh. Rè sèa miosan do’n bhliadhna, cha’n ’eil a’ ghrian r’a faicinn, agus cha’n ’eil a bheag r’a chluinntinn ach fuaim na doininn, agus donnalaich nam madruidh-alluidh ’an tòir air an cobhartach. Tha gach ni air aghaidh na tìre ann an coslas marbhantachd, gun lus, gun duilleach, gun bhlàth r’a fhaicinn. Tha n àireamh a’s pailte do luchd-àiteachaidh na dùthcha so a’ gabhail còmhnuidh fo thalamh, agus anns an t-samhradh ann am bùthaibh a dh’ atharraicheas iad o àite gu h-àite. Tha taobh a stigh an aitreibh air a chuartachadh le béin nam fiadh-bheathach a a tha iad a’ marbhadh air son lòin, agus na h-ùrlair air am bheil iad a’ luidhe air an còmhdachadh leis an ni cheudna. Ach na smuainichemaid gu bheil an sluagh so neo-shona, agus mi-thoilichte. Tha e fior, gu dearbh gu bheil na Laplanndaich ag imeachd gu dorcha tre gharbhlach reasgach na dùthcha sin, buailteach a ghnàth do ghaillinn agus do fhuachd; ach tha a chorp cruadalach comasach air giùlan leis gach allaban. Tha’n Laplannach bochd air aon dòigh truagh, ach nach mòr am beannachadh dha nach ’eil e mothachail air uireasbhuidh nach feud e dheanamh suas. Tha sòlus na gréine rè ioma mios a dh’ easbhuidh air; ach tha a’ ghealach agus na fir-chlise a’ soilleireachadh na h-iarmailt; agus cha’n urrainear smuaineachadh air aon ni a’s àillidh na lannair nam fear-chlis sin a’ dol troimh ’n gluasad siùbhlach, aighearach, le mire-chàtha air aghaidh nan speur. Ma tha ’m fonn neo-thorach, tha tachdar mara aca ’n làn phailteas. Tha ’m fàsaichean làn do fhiadh-bheathaichibh, agus thugadh innleachd agus teòmachd dhoibh chum an glacadh. Tha móran fhiadh aca, agus tha iad càlda feumail dhoibh, mar chi sinn an déigh so. Mar so chi sinn gu bheil aig gach tìr a h-aobhair-shòlais féin agus aig gach sluagh dearbhadh air maitheas Dhé. Nam bitheadh aig na daoinibh bochda sin am barrachd fiosrachaidh mu Dhia, agus mu na teagasgaibh sòlasach a tha air am foillseachadh dhuinne anns an t-soisgeul, maille ris an t-suidheachadh-inntinn sin a tha iad a’ sealbhachadh, cha ruigear a leas fheòrach ciod tuilleadh bhiodh a dh’ easbhuidh orra g’an deanamh sona. A Providence, R. I. A MHIC-TALLA:— Air dhomh a bhi car air deireadh ’S nach eil ceilearadh chum feum, ’Se ’s fhearr gu gabhail mo leisgeil A bhi freasdalach air d’ fheum. ’S mo a’s coltaiche ri mallachd A bhi moladh fir ris fhéin, ’S fhearr gu mor ’na àite dolair, ’S molaidh am MAC-TALL’ e-féin. ’S math a tha sibh a deanamh; tha am MAC-TALLA air fàs mor a rithist. Cuiribh ris agus cuiridh na Gàidheil ribhse. Gheibh sibh òrdugh air dòlair anns an litir so. ’S math a rinn sibh innse dhuinn nach fhaigh an dolair Geancach làn chreideas agaibh. Na faiceadh sibh féin sin freagarrach, b fhearr leam gu’n clo-bhuaileadh sibh “Dàn Oisein do’n Ghréin” a rithist, o’n ’se seud ro luachmhor a tha ann. Tha mi nise cur ugaibh an coigeamh dolair, agus tha mi ’gam fhaicinn fhéin làn phàighte ged nach fhaighinn facal ann ach Dàn Oisein leis fhéin, ged a tha Olla ann an aon de àrd-thaighean-foghluim Albainn a’ deanàmh a mach nach b’e Oisean a rinn an dàn so idir, agus eadhon nach ann an Gàilig a chaidh a dheanamh an toiseach. AONGHAS MAC AOIDH. Oct. 2, ’95. B’ e an fheoil ’g a thoirt á ìngnibh a chait e. [TD 98] [Vol. 5. No. 14. p. 2] ROB DONN. Gheibhear eachdraidh beatha Rob Dhuinn air a deagh sgriobhadh ann am Beurla anns an leabhar a chuir an t-Olla Mac-Aoidh a mach anns a bhliadhna. 1829 fo’n ainm “Orain le Rob Donn, Bard ainmeil Dhuthaich Mhic-Aoidh.” Thugadh seachad clo-bhualadh ùr agus saor, le beagan atharrachaidh, de’n leabhar luachmhor so o chionn sè bliadhna. Thug Reid cunntas aithghearr air a’ Bhard ’na leabhar fein (Bibliotheca Scoto-Celtica, 1842); agus sgriobh Mac-Coinnich, ann an “Sar-obair nam Bard Gaelach” mu ’bheatha agus mu ’chliu. Cha mhor d’ar Baird Ghaidhealach a bha cho tric air a thoirt fa chomhair Ghall agus Shasunnach ri Rob Donn. An uair a chuireadh a mach a leabhar anns a’ bhliadhna 1829, chaidh òraid fhoghainteach a sgriobhadh anns an aon is ainmeile de na cuairteirean Sasunnach (Quarterly Review) air a’ Bhard agus air a Bhardachd. Tha cunntas cubhaidh aìr fein agus air a cliu anns an leabhar urramach a chuir an t-Olla Blackie a mach an uirigh air “Canain agus Litreachas nan Gaidheal Albannach;” agus is e Rob Donn is steigh do aon de na h-oraidean a leughadh air beul-thaobh Comunn Gaidhlig Inbhirnis agus a gheibheir clo-bhuailte anns an leabhar a chuir an Comunn a mach airson na bliadhna a dh’fhalbh. Am measg nan Gaidheal a tha chomhnuidh ’na dhuthaich fein, fhuair Rob Donn urram neo-chumanta. Re a bheatha bha meas mor air aig iosal agus aig uasal. Aig a thòrradh thiunndaidh an sluagh a mach mar aon duine a nochdadh an speis do’n Bhard. Agus leth-cheud bliadhna an deigh a bhais, chruinnich a luchd cinnidh airgiod agus chuir iad suas carragh-cuimhne, ann an cladh Bhaile-na-cille, far a’ bheil Rob Donn ’na luidhe; agus ghearr iad cliu agus iomradh a’ Bhaird anns a’ chloich, an Gaidhlig, am Beurla, an Greugais, agus an Laidinn. A’ bheil Rob Donn airidh, am measg nam Bard Gaidhealach, air a’ chliu a fhuair e? Tha mi meas nach d’fhuair Rob Donn fathasd urram nach bu mhaith a thoill e; ged fhuair e uair no dha mi chliu nach do thoill e idir. Ach bha nithean ’na chrannchur a tha ann an tomhas ’g a dhealachadh o na Baird Ghaidhealach ainmeil eile. Cha toir sinn breth chothromach air a chumhachd no air aite mar Bhard gun bhi gleidheadh nan nithean so air chuimhne. Feudaidh mi cuid diu ainmeachadh. Bho bhreith gu bhàs b’e Rob Donn Bard ainmeil Dhuthaich Mhic-Aoidh. Agus faodar a radh gur h-e aona Bhard na duthcha ghreadhnaich sin o’n a tha eachdraidh againn oirre gus an diugh. Bha gaisgich an roimh na Fiantan; ach aha do ghleidh a’ Bhardachd Ghaidhealach an euchdan no an ainmean air chuimhne. Bha, ma dh’fhaodte, Baird an Duthaich Mhic-Aoidh roimh Rob Donn, ach cha bo ghleidh na Gaidheil an orain no an ainm air chuihne. Na’m dhuthaich fein tha e seasamh mar Bhard ’n a aonar. Tha e gun athair gun mhac ’n a dhreuchd—gun sinnsearachd, gun sliochd. Cha b’iongantach ged bhiodh muinntir a dhuthcha mor as agus gaolach uime; cha robh Bard ainmeil aca ach e. Bha agus tha Clann-ic-Aoidh ’n am fine ainmeil airson iomadh deagh bhuaidh. Bha agus tha iad ro chinneadail. Bha aon no dhà de’n fhine a choisinn beagan cliu mar Bhaird a chomhnuidh ann an cearnan eile de’n Ghaidhealtachd. Ach b’e Rob Donn an aon Bhard a dh’eirich gu cliu ard; agus bhuineadh esan do’n duthaich. Ré a bheatha b’e peata an t-sluaigh e; agus mur biodh barrachd tuìgse aig na tha aig a’ chuid mhor de pheatachan agus de Bhaird, bhiodh dol cumanta nam peatachan air—bhiodh e milte. A rìs bha Rob cho fortanach, ged nach do chuireadh a Bhardachd an clò gus leth-cheud bliadhna an deigh a bhais, agus gu’n do ghabh fear-cinnich aig an robh buaidhean ard agus eolas farsuing, agus a bha ’n a lan-sgoileir Gaidhlig, os laimh an leabhar ullachadh agus beatha agus cliu a’ Bhaird a sgriobhadh. Cha’n ’eil teagamh nach ann a chionn agus gu’m b’e duine ainmeil agus ministeir—bha an Dr. Mac-Aoidh anns an àm ann an Sgireachd an Lagain—a chuir a mach an leabhar gu’n do rinneadh na h-uiread dheth. Tha e air a radh gur h-e Sir Walter Scott a sgriobh an òraid anns a Review a dh’ainmich mi cheana; agus cha’n ’eil e idir mi-choltach nach e. An uair a bha an corr de Bhreatunn a’ cur na h-uiread de urram air Rob Donn cha b’iongantach ged chuireadh a luchd-cinnich an guaillean ri cheile airson cuimhneachan buan a chur suas do’n Bhard. Chaidh so a dheanamh anns a’ cheart bhliadhna anns an do chuireadh a Bhardachd ann an clò. Ach ged bha Rob Donn cho measail ’n a dhuthaich fein rè a bheatha, agus ged chuireadh urram mhor air an deigh a bhais, cha d’fhuair e fathast urram dhligheach am measg nan Gaidheal nach buin d’a Shiorrachd fein. Cha’n ann a chionn gu’m bu duine bochd e no gu’n robh inbhe anns an t-saoghal iosal. Bha so fior gun teagamh. Cha robh e ach ’n a bhuachaille. Ach ged nach ’eil moran dhaoine na’s deise a thoirt urram do mhuinntir a tha ann an inbhe ard na Gaidheil na h-Alba, cha bhiodh e farasta aite ainmeachadh anns am faigh Bard an t-urram a tha dligheach d’a bheatha agus d’a bhuaidhean cho ullamh agus a gheibh e ’n ar measg-ne, cia air bith cho iosal agus a bhios a staid. Tha so fior gu sonruichte mu Rob Donn fein. Is tric a dh’eirìch do’n Bhard mar a dh’eirich do’n Fhaidh, gur h-e a dhuthaich fein a dhiult urram dhligheach dh’a. Ach cha do thachair so ach ainmig do Bhard Gaidhealach agus cha do thachair e idir do Rob Donn. Bithidh e ’n a chliu bhuan do uaislean Dhuthaich Mhic-Aoidh gu ’n d’aidich iad gu saor gu’n robh am buachaille-bhò iridh air aite urramach ’n am measg, agus gu’n d’thug iad urram dhligh each dh’a; agus bithidh e ’n a cliu bhuan do Rob Donn nach do rinn e riamh ni neo-airidh air a dhreuchd mar Bhard a chum an t-aite so a chosnadh no ghleidheadh. Bha Rob Donn ann an inbhe cho ard ris a’ chuid mhor d’ar Baird Ghaidhealach, agus ann an cuisean saoghalta na b’fhearr dheth na bha moran dhiu. Cha robh focal sgoil aig Rob Donn; ach anns a’ char so cha robh e air leth air cuid de na Baird is airde cliu ’n ar measg. A mach o Mhac-Mhaighstir-Alastair agus o Dhughall Buchanan cha robh Bard ainmeil Gaidhealach againn aig a’ robh a’ bheag de sgoil. Cha robh focal sgoil aig Màiri-nigh’n-Alastair-Ruaidh no aig Iain Mac-Codrum, no aig Donnachadh Ban, no aig Ailean Dall. Ach mur an robh sgoil aca bha foghlum aca, agus bha iunnsachadh aca. Chaill iadsan agus gu sonruichte chaill sinne moran a chionn nach b’urrainn iad leughadh no sgriobhadh. Ach cha’n fheud sinn a smuaineachadh gu’n robh an duine nach b’urrainn leughadh anns an àm ud ’na dhuine ain-eolach mar tha an duine nach urrainn leughadh an diugh. Is gann a chreideas mi gu’m faigh thu buachaille no sealgair an diugh, air feabhas a sgoil, cho foghluimte no idir cho iunnsaichte ri Rob Donn agus ri Donnachadh Ban. Bha gu nadurra buaidhean neo chumanta aig an dà Bhard. Ach a thuilleadh air so bha foghlum aca nach faighear a nis ach à leabhraichean; agus bha am buaidhean air an giullachd air doigh nach ’eil comasach le leabhraichean—’n ar ineasgne co-dhiu. C’aite a’ bheil an diugh anns a’ Ghaidhealtachd sgoil anns am faigheadh Rob Donn a leithid de iunnsachadh agus a fhuair e ann an tigh Iain-’Ic-Eachainn agus am measg uaislean Dhuthaich Mhic-Aoidh, no foghlum a leanadh ris ré a bheatha cosmhuil ri Bardachd agus Seanachas a dhuthcha? Cha’n e a mhain gu’n robh eolas aig na daoine so air Bardachd agus air Eachdraidh agus air deas-ghnathan nan Gaidheal, ach bha fiosrachadh earbsach aca mu thimchioll cuisean agus modh-raighlaidh na rioghachd ’n an latha fein nach faigh thu aig moran de sgoilearan no aìg cuid de mhaighstirean-sgoil ar latha-ne. Theìrear gu bheil moran de Orain Rob Dhuinn salach, neo-ghlan; agus cha’n eil teagamh nach do chuidich so a chliu mar Bhard a lughdachadh. Tha mi de’n bheachd gu’n do chuireadh an eucoir thròm air Rob Donn anns a’ cheum so; ach thugadh seachad a’ bharail cheudna cho tric, agus leo-san a bha airidh air barail a thoirt seachad, agus gu bheil e freagarrach fheoraich a’ bheil an fhirinn innte. Tha an diteadh tròm; agus ma tha Rob Donn ciontach, bu choir am peanas a bhi tròm d’a reir. Cha bu mhaith leam dol a dhion na h-uile facal a gheibhear ann am Bardachd Rob Dhuinn, no radh gu’m bu choir a doigh chainnt a leantuinn an comhnuidh ro dhlù; ach tha mi earbsach nach gabh e dearbhadh gu bheil a smuain no idir a theagasg, neo ghlan. Cha’n e mhain [TD 99] [Vol. 5. No. 14. p. 3] so ach saoilidh mi gu bheil e fior nach faighear, a mach o Ughdair nan Laoidh, ma gheibhear eadhon iadsan an comhnuidh, Bard ainmeil Gaidhealach, ach Oisean ’n a aonar, a tha cho glan ’n a smuain, agus cho fior agus cho fallain ’n a theagasg ri Rob Donn. Ma chreideas tu gu’m b’e Rob Donn a b’ ughdar do iomadh rann ’us focal a chluinneas tu ann am beul cuid d’a luchd-duthcha, bha e gun teagamh neo-ghlan ’n a smuain agus ’n a chainnt. Ach tha e gann leam a chreidsinn ga faighear cuid d’a Bhardachd ’n a leabhar mar a chuir e fein ri cheile i, ged tha an Dr Mac-Aoidh ag radh gu’n do sgriobhadh i o bheul a’ Bhaird fein; agus cha chreid mi idir gur ann d’a bhuineas na rannan agus na radhan a chluinnear gu tric air a luaidh ris. Ach gabh a’ Bhardachd mar a gheibhear ’n a leabhar i. Tha an t-Olla Mac-Aoidh ag aideachadh gu’n d’fhag e cuig no se de Orain Rob Dhuinn gun chlo-bhualadh airson an sailche no am beag luach. Tha mi meas gu’n do ghabh an duine ainmeil so air fein dleasdanas nach buineadh dha. Is ann do’n Bhard fein a bhuineas a radh co-dhiu a theid no nach teid roinn shonruichte d’a shaothair a chumail air ais o’n t-sluagh. Ach ma tha thusa a’ gabhail os laimh dol a chruinneachadh saothair Baird as deigh a’ bhais cha tig e dhuit teachd eadar coguis a’ Bhaird agus còir an t-Sluaigh, agus a radh, “Tha an t-orain so no an t-oran ud eile salach, neo-airidh air a’ Bhard. Na’m biodh e fein beo dh’aontaicheadh e leam. Fagaidh mi iad so mach.” ’S e do dhleasdanas-sa na gheibh thu de fhior shaothair a’ Bhaird a thoirt seachah air a cheart doigh air am faigh thu i, no gu’n ghnothuch a ghabhail ris an obair idir. Tha an Dr. Mac-Aoidh a’ faotainn coire do chainnt cuid de na h-Aoirean; ach tha e a deanamh tur-dhealachadh eadar a’ chainnt agus an teagasg. Tha mi meas nach do ghleidh na breitheamhnan a thainig an deigh Mhic-Aoidh an dealachadh so air chuimhne. Cha ruigear leas moran geill a thoirt do bharail Reid. Cha robh eolas aige air a’ Bhard agus cha dubhairt e ach mar a chuala e. Ach tha e iongantach leam gu’n deachaidh Mac-Coinnich cho fada air seacharan ann an “Sar-obair nam Bard Gaelach” an uair a dhit e Rob Donn; agus a leig e ciontaich mar bha Donnachadh Ban agus Ailean Dall às. Tha an t-Olla Blackie a’ tighinn thairis air a’ chron cheudna; ach tha mi de’n bheachd nach ’eil an deagh bhreitheamh so ach ag innseadh beachd dhaoine eìle. Tha Rob Donn ag uisneachadh focàil gu tric nach gnathaichear ’n ar measg-ne an diugh ann an cuideachd; agus tha cuid d’a rannan nach biodh e freagarrach, a reir cleachduin ar latha-ne, a leughadh le guth ro ard. Ach ma tha Rob Donn gu bhi air a dhiteadh air a shon so, gheìbh se e fein ann an deagh chuideachd. Leis an tomhas cheudna bhuineadh tu air falbh moran de’n Bhardachd is fearr agus de’n teagasg is fallainne ann an litreachas gach sluaigh; agus as a’ Bhiobull fein thigeadh caibideal no dhà. Bhiodh e na b’fhearr air gach doigh na’n taghadh Rob Donn a’ chainnt air uairean mar nach do rinn e; ach cha’n e focail de’n t-seorsa so a dhearbhas neo-ghloine smuain no mi-fhallaineachd teagaisg. Dh’ uisnich Rob Donn doigh chainnt a latha s’a dhuthcha fein. Feudaidh sinne, ’n ar fein-dhiongmhaltachd, ar sron a chasadh no ar ceann a chromadh an uair a leughas sinn cuid d’a rannan; ach bha na miltean ’n a dhuthaich cho moralta agus cho beusach ris an aon is fearr againn chuala agus a sheinn agus a dh’iunnsach a chuid Oran, gun sron a chasadh no ceann a chromadh. Feudar coire fhaotainn do Rob Donn a chionn nach robh a chainnt cho ard os cionn cainnt a luchd-duthcha agus a bha bhuaidhean. Ach ma dhiteas tu Bard air a leithid so de aobhar, cha’n aithne dhomh co a sheasas. Bhiodh e cho mi-sheadhar beum a thoirt dh’a a chionn nach gabhadh e neapacain a sheideadh a shroine, no a chionn gu’n itheadh e sgadan le choragan, an aite cleachdadh ar latha-ne a leantuinn anns na cuisean so; agus a bhiodh e dhuit a chronachadh a chionn gu’n do labhair e mu chuid de nithean air an ainm an aite labhairt orra, mar a ni sinne, air an sloinneadh. Ach is ni tur-dhealaichte bho chainnt a’ Bhaird a smuain agus a theagasg. Mur dearbh thu air gu bheil e gabhail toilinntinn ann an cainnt neo-glan, cha dhearbh thu, bho chainnt, neo-ghloine smuain no teagaisg. Cha’n ’eil mi meas gu’n abair neach gu’n robh tlachd Rob Dhuinn ann am focail shalach. Bha an duine e fein, a reir gach cunntais a tha againn air, comharraichte ’n a ghliulan. Bha e ’n a fhoirfeach anns an Eaglais agus fo mhor mheas aig a’ Chleir. Cha choisneadh aon an t-urram so ’n a latha agus ’n a dhuthaich a bha fuasgailte ’n a chaithe-beatha no a bha neo-ghlan ’n a chainnt. Agus saoilidh mi gu’n dearbh a Bhardachd firinn, duinealas, agus fallaineachd a theagaisg. Is e Orain shùgach, àbhachdach, agus Aoirean is trice a gheibhear ’n a shaothair. Tha tair agus dimeas air a dheanamh air uaìrean air cuid de na dhuisg a spid no chorruich airson eucailean agus faillinnean nach b’urrainn doibh a leasachadh. Tha so r’a chrònachadh. Ach cha’n fhaighear am feart so ann an Aoirean Rob Dhuinn idir cho tric agus a gheibhear e anns na h-Aoirean Gaidhealach an cumantas. Gheibh sinn Rob Donn gu tric a’ deanamh culaidh-mhagaidh agus a’ toirt tamailt do dhaoine a chuir mi-thlachd air. Cha’n ’eil so ri mholadh. Ach anns a’ cheum so cha do pheacaich Rob Donn mar a rinn na Baird Ghaidhealach gu tric. Tha an Dr. Mac-Aoidh ag innseadh dhuinn, agus bha comas aige air eolas fiosrach fhaotainn mu’n Bhard nach robh aig aon eile a sgriobh mu dheidhinn, gur e olc agus cionta agus euceart nan daoine a leedair e le theangaidh a dhuisg corruich a’ Bhaird. Cha’n ’eil aon d’ar Baird, saoilidh mi, a sheas an comhnuidh cho dileas agus cho danarra air taobh na corach agus an aghaidh na h-eucoir, mar a bha e fein a’ tuigsinn coir agus eucoir, agus a sheas Rob Donn. Tha so feart nach faighear ro thric ’n ar Bardachd Ghaidhealaich; agus tha mi meas gur feart i, an uair a dh’amaisear oirre, is coir a chliuthachadh. Na h-uile urram do’n Bhard nach cumadh a theanga, an uair a bha e dearbhta gu’m b’e dhleasdanas labhairt, air ailghios Maoir no Moraire Comhdaichidh a’ bhuaidh so fein tuillidh pheacanna ’n a chuir Rob Donn, mar Bhard, riamh an gniomh. Is ann le’n Aoirean agus le’m Marbhrannan a tha na Baird Ghaidhealach, mar is trice, a’ dearbhadh fallaineachd no mi fhallaineachd an teagaisg. Dh’aoireadh iad an ciontach rè a bheatha; agus mholadh iad an t-ionracan, mar bu trice, an deigh a’ bhais. Chaidh ìad gu minic clì. Mhallaich iad an uair a bu choir dhoibh beannachadh; agus bheannaich iad an uair a bu choir dhoibh mallachadh. Ach bha Rob Donn fior air an dà thaobh. Co-dhiu ma chain e an uair a bu choir dh’a bhi ’n a thosd, cha do mhol e riamh an uair ìs e caineadh a bu fhreagarraiche. Rinn e moran Mharbhrannan; agus, a mach o aon no dhà, is ann moltach a tha iad gu leir. Cho fhad agus is leir dhuinn a nis, cha do chaoidh Rob Donn ach iadsan a bha airidh air cliu; agus anns a’ Mharbhrann is moltaiche a rinn e—Marbhrann Iain-’Ic-Eachainn—tha e co dhunadh mar so: “S tric le marbhrannaibh moltach, A bhios cleachdadh ’s na dùthchaibh-s’, Gu’m bi coimeasgadh masguill, Tigh’nn a steach annt’ ’n dhrùchdaibh; Ach ged bhith’nns air mo mhionnan, Do’n Tì tha chumail nan dùl rium, Cha do luaidh mi mu’n duine-s’, Ach buaidh a chunnaic mo shùil air.” Tha dà ni eile, a reir mo bheachd, a chuidich cliu Rob Dhuinn a lughdachadh a mach as a dhuthaich fein. ’Se sinn a Chanain agus a Rann. Tha moran d’a fhocail nach tuigear am measg nan Gaidheal an Iar agus a Deas. Ceart no cearr cha deachaidh a’ bheag de Ghaidhlig Dhuthaich-ic-Aoidh, a mach bho Orain Rob Dhuinn fein, a chur an clò. Cha d’fhuair na Deasaich mar so moran, eolais air Gaidhlig nan taobhan sin. Tha moran de rannan Rob Dhuinn nach tuig iad gu ro mhaith; agus cha ruigear leas iarraidh air a’ bheag de leughadairean Gaidhlig dragh an iunsachaidh a gahbhail. Thug an Dr. Mac-Aoidh seachad, aig deireadh an leabhair Clàr-mineachaidh, anns am faighear focail neo-àbhaiseach, a’ Bhaird nach tuigear gu maith, ach le a luchd-duthcha fein, air am mineachadh le focail a’s gnathaichte air feachd na Gaeltachd; agus ’s a’ chainnt Bheurla.” Na’m biodh an t-Olla Mac-Aoidh cho eolach air Gaidhlig an Taobh-deas agus a bha e air Gaidhlig an Taobh-tuath, dh’fhagadh e mach as a “Chlàr” iomadh focal a chuir e ann, agus (Air a leantuium air thaobh 102.) [TD 100] [Vol. 5. No. 14. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, OOTOBER 10, 1896. Chan eil an suidehachadh anns an Roinn Eorpa ach mar bha e o chionn treis a dh ùine, ach a mhain gu bheil e ’fàs na’s coltaiche gach latha gu féumar rud-eigin a dheanamh ris an t-Sultan, agus sin an ùine gun bhi fada. Na faigheadh Breatunn a toil fèin ’s fhada bho’n bha e air a chur bhar na cathrach agus cha’n eil teagamh nach deanar sin fhathast. Sgaoil an Ard-pharlamaid ann an Ottaw Di-luain, an deigh a bhi ’na suidhe aon latha goirid air seachd seachdainean. Cha robh na fearaibh riamh roimhe cho sgiobalta mu’n gnothuch, ach ’se bu choireach ri sin nach robh uiread gnothuidh aca ri dheanamh ’sa b’ àbhaist. Bidh an tigh cruiun a rithist beagan an deigh ua bliadhn’ ùire. Anns an litir á S. W. Margaree a bha anns an darna àireamh roimh ’n te mu dheireadh dhe’n phaipear, tha e aìr a radh gu’n d’ thainig a’ mhor-chuid de luchd-àiteachaidh Mhargaree as a mhor-thir; ’se bu chòir a bhi ann gu’n d’thaiuig iad á “Morair”, sgireachn a tha faisg air Mùideart us Arasaig. Tha sinn a deanamh a cheartachaidh so airrtus an t-SEANNA-GHIULLAIN,’ am fear a sgriobh an litir, agus tha sinn na chomain air son ar mearachd a thoirt gu’r n-aire. Tha ’n sgeul mu dheifeadh a thainig á Cuba ag innse mu dhùigh eagallach a tha Weyler, ceannard an airm Spainnich, a gabhail gu fsotainn cuibhteas priosannaich air am bheil amhrus aige gu bheil iad càirdeil ris na ceannaircich. Mu mheadhon-oidhche tha àireamh dhiubh air an cur am mach ann am bàtaichean, air chùram cuid de na h-oifigich, a tha ’gan toirt a mach gu beul na h-acarsaid ’s ’gan tilgeil thairis. Tha an t-uisge an sin beo le Sharks, a tha ’grad itheadh nan daoine truagha, aìr chor ’s nach bi fhios ciod a dh’ éireas dhaibh. Tha so a tachairt oidhche ’n deigh oidhche, agus tha iad a ag radh nach lugha na tri fichead sa tri a chaidh a chur as an rathad air an doigh sgreataidh ud o chioan mios. Tha nithean eile air an cur as leth an duine cheudna a tha nochdadh cho an-iochdmhor ’sa tha e ’na dheiligeadh ris na priosanaich; tha moran dhiubh air am bheil amhrus aige gu bhail fios ac’ air cuisean a bhiodh gle bhuanachdail dha fhéin fhios a bhi aig orrr, agus air son toirt orra an innse, tha e cur pheanaistean uamhasach orra. Tha cuid dhiubh air am beathachadh air trosg sailte, agus guu bhoine uisge ga thoirt dhaibh. Ma tha ’n sgeul so uile fior, is gnothuch eagallach e. Ach a dh’ aindeoin gach ni, cha’n eil e coltach gu bheil na Spàinnich a’ gleidheadh idir, agus ma ’se sid an doigh a tha iad a gabhail, ’s math an airidh. Mu Fhiadh nan Laplannach. Tha’m fiadh so ’na ghnàsair an dùthchannaibh fuara na h-àirde-tuath, far an d’òrduich Freasdal glic agus fiùghantach e, chum goireas agus beò-shlainte muinntir na tìre, a mhothaicheadh ro chruaidh teachd beò as eugmhais. Aig na Laplannaich cha’n ’eil each, mart, no caora; cha fhreagradh iad sin san dùthaich; ach tha’m fiadh so a’ seasamh dhoibh an àit an eich, le’n tarruing air sligheachaibh air am b’ eu-comasach do dh eachaibh imeachd; tha e deanamh dhoibh an àite cruidh le bainne bhuileachadh orra, agus na caorach, le ’bhian molach blàth. Tha’n sitheann ’na lòn fallain dhoibh: tha na féithean a’ deanamh dhoibh an àite snàth; agus is gann a tha aon ni a bhuineas do’n ainmhidh so nach ’eil a co-fhreagradh d’ma feumalachd. Tha ’m fiadh so air oileanachadh ’an àm ’òige ri tarruing ann an càrn-slaoid, inneal-iomchair san dùthaich sin a tha ro-fheumail ’an àm dubhlachd. Tha ’n neach a shuidheas sa’ ghnè charbad so, a’ stiùireadh an fhéidh le sréin ceangailte r’a chròic, agus ’ga chur air aghaidh le bior-greasaidh. Mar so giùlainear na Laplannaich deich mile fichead san là, gun ana-cothrom sam bith. Tha’m fiadh so mu cheithir troighean gu leth air àirde: tha e ionnan ann an dath, agus ann an cumadh ris an fhiadh a tha sa’ Ghàidhealtachd; ach gu bheil an ladhar anabarrach mòr. ’Se biadh an fhéidh so seòrsa do chnotal no do liath-sgrath a tha ’fàs air leacaibh n duthcha sin. Tha Taghadh a Chinn-shuidhe ri bhi anns na Stàitean air an treas latha dhe’n ath mhios. Tha e fàs gle choltach gur h-e Mc-Kinley a gheobh a stigh, ach tha e doirbh a dheanamh a mach le cinnt gus an tig an latha. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 101] [Vol. 5. No. 14. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bho thoiseach na bliadhna so chaidh ochd mile each a chur a null à Canada do Shasuinn, agus chaidh an creic ann an Lunnainn air deagh phrisean. Fhuair sinn na dh’fhòghnadh dhuinn de dh’uisge air an t-seachdain s’a chaidh ’s air an t-seachdain so. Bha an t-uisge ’sileadh cha mhor gun stad fad ochd latha. Cha’n urrainn nach d’ rinn e cron mor air a bhùntata ’s air gach bàrr eile bha mach fodha. Aig ann fhèill a bha ann an New Glasgow da sheachdain air aìs, fhuair na Bràithrean Domhnullach, an Gleann-an-dathadair, Mabou, an duais a b’ àirde air son clòithean us plaideachan. Rha àireamh mhor sheòrsachan aca ann, agus thatar a’ deanamh moladh mor orra. Chaidh tigh ’na theine ann an Sidni Tuath sa mhaduinn Di-ciaduin. Bhuineadh e do Mhr. O. B Lewis, agus cha robh e-fein no duine dhe’n teaghlach aig an tigh aig an àm. Cha’n eil fhios ciamar a thoisich an teine. Cha deachaidh ni dhe na bha ’san tigh a shàbhaladh. Thatar air fhaotainn a mach gu bheil an luibhre am measg nan Sineach a tha ann am baile Mhontreal. Chaochail seann duine dhiubh o chionn ghoirid, agus cha robh a chairdean air son innse ciod a thug a bhàs. Chaidh an sin dotairean a chur a dh’amharc a chuirp agus fhuair iad a mach gu’m b’e ’n luibhre bh’air. Tha na taighean aca air feadh a bhaile ri bhi air an rannsachadh feuch am bheil an còrr dhiubh tinn leis. Bha an t-side gle stoirmeil toiseach na seachdain so. Bha àireamh de shoithichean anns an acarsaid deiseil gus an dhol a mach, ach leis cho garbh ’sa bha ’n t-side cha d’ fhuair iad falbh gu maduinn Dior-daoin. Na ’m measg bha ’n “Arcadia,” nach d’fhuair a dhol air a cuairt àbhaistich do na puirt thuathach toìseach na seachdain idir. An deìgh an ama so dhe’n bhliadhna, faodaidh sùil a bh againn ri stoirmeannan ’s ri droch shide. Toiseach na seachdain so fhuaìreadh sgeula-bàis Chaiptean Ruairidh Martuinn, a chaochail ann a’ Hong Kong, an Sina. Chaidh Mr. Martuinn arach anns on t-siorrachd so, agus tha àireamh de chàirdean a fuireach an so fhathast. Bha e gu math beairteach; bha e ri ceannachd ’sa seòladh na mara agus shoirbhich leis gu math. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois, Bu bhrathair-ceile e do Thormaid Domhnullach, (ceannaiche) aig Meinn Lorway. ’Si an t-seann eaglais Chleireach anns a Bhras d’Or Beag a’ cheud Eaglais Shaor a chuireadh suas ann an Canada, agus tha cuid ag radh gur h-i a cheud Eaglais Shaor a bh’air a cur suas air an t-saoghal. Chaidh a togail beagan an deigh do’n Eaglais Shaoir dealachadh ris an Stàit. Bha i air a’ fosgladh ann an September 1843 leis an Urr. Mathew Wilson. Tha eaglais ùr a nise ’n deigh a h-àite ghabhail, air a suidheachadh air àite bòidheach ri taobh an locha, far am faicear i astar fada. Air an t-seachdain s’a chaidh dhiùlt luchd-obrachaidh an Telegraph air a’ Chanadian Pacific Railway an còrr obrach a dheanamh gus am biodh cùisean araid a bha eatorra fèin ’s luchd-riaghlaidh an rathaid air ais rèiteach. Bha an rathad mar sin air a dhroch càramh beagan ùine, ach an ceann latha mo dha, chaidh daon’ eile chur nan àite, agus chaidh an obair air adhart mar a b’àbhaist. Cha’n eil cùisean buileach reidh fhathast, ach cha’n eil teagamh nach bi gach ni gu coart an ùine gun bhi fada. ’S ann gle ainneamh a thig math sam bith troimhe-chèile dhe’n t-seòrs ud. Chaidh da shoitheach air tir aig Alberton Bar, E. P. I., a sheachdain gus an dè. Bha an stoirm gle throm aig an ám, agus chaidh an tur mhilleadh. Bhiodh sgrioba ’n da shoithich air am bàthadh mur biodh treunas nan iasgairean a bha fuireach faisg air laimh a chaidh a mach ’nam bàtaichean, agus a shàbhail iad. Tha sealg gle ghann air an eilean air am fhoghar so. B’abhaist do no cearcan-tomain ’s do na tunnagan-fiadhaich a bhi gu math pailt, ach am bliadhna tha iad gle ghann. Tha duine bh’ann am Malagawatch o choinn ghoirid ag innse dhuinn nach d’thainig ach gann a h-aon de na tunnagan-dubha dh an loch sin am bliadhna, far am b’àbhaist dhaibh a bhi tiugh. Cha teid uime sin uiread fùdair no luaidhe a chosg ’sa b’abhaist. Bha stoirm mhor anns na Stàitean a deas air an t-seachdain s’a chaidh, a rinn crll uamhasach. Thainig meur no dha dhi cho fada tuath ri New York, agus eadhon cho fada ri Ontario, ach rinneadh an call bu mho a deas air sin. Bha moran dhaoine a chaill am beatha, agus moran oile a chaill an curd an t-saoghal. Thatar ag radh gu robh coir us ceud air am marbhadh, agus tha an call air codach dhaoine air a mheas air aireamh mhuilleinean. Tha cabhlach mhor de shoithichean-iasgaich a seoladh à Gloucester, Mass., na h-uile samhradh, agus tha iad ’nam meadhon air iomadh beatha chall; tha cuid a deanamh mach gu bheil cion faicill a’ cur as do mhoran dhiubh. Air a bhliadh na chriochnaich leis a mhios a dh’fhalbh, chailleadh tri fichead ’sa ceithir deug de na h-iasgairean a bh’air bòrd nan soithichean sin. Bha àireamh dhiubh sin a mhuinntir Cheap Breatunn. Chaidh a tri deug de na soithichean a bhristeadh ’sa chall. Tha nighean a mhuintir Thoronto, a bha roimhe so ’na bana-chòcaire air soitheach a tha ruith eadar puirt Shina ’s na Stàitean, an dràsda ’n deigh Seanalair airm Sineach a phòsda Choidh am posadhann a’ Hong Kong, an toiseach le ministeir de’n Eaglais Shasunnaich, agus an deigh sin le sagart Sineach. Sgriobh a bhean òg dh’ionnsuidh a càirdean o chionn ghoirid, ar radh gur ann aice bha ’n aon duine b’ fhearr air an t-saoghal ged is e Sineach fhèin a th’ann. Tha muinntir Eilean a Prionnsa a bruidhinn air tigh-eiridinn, no ospadal, a thogail. Tha an t-Urr Dr. Brecken a tairgse dhaibh làrach air an tog iad e, ann an Kensington, faisg air Charlottetown, àite tha iad ag radh, a tha air gach dòigh freagarrach. Tha muintir an Eilein ainmeil air son cho tapaidh ’sa tha iad air son ni sam bith ris an tòisich iad à chur air adhart, agus cha’n eil eagal sam bith gu’m bi iad air deireadh anns a’ chùis so. Tha taighean anns am faigh na daoine tinne aire mar bu chòir dhaibh, ’nam beannachd mor, agus b’e mainnn gach duine ceart am faicinn a’ dol na’s lionmhoire. A sheachdain gus an Dior-daoin s’a chaidh bha dithis ghillean ann am Moncton, N, B., Fred Brush agus Seumas Bell, aois cheithir bliadhn’ deug, a mach a sealgaireachd. Bha gunn’ aig fear dhiubh, agus daga aig an fhear eile. Thoisich iad ri losgadh air targaid, agus air do Bhell an gunna lòdadh dh’ fhalbh an urchair as gun fhios da agus chaidh i an cliathaich Bhrush. Thuit e air ball agus thòisich an fhuil air taomadh a mach. Dh’ fhalbh Bell agus gill eile dh’iarraidh cuideachaidh, ach chaidh iad air chall anns a choille agus nuair a fhuair iad cuideachadh, cha b’urrain daibh amas air an àite ’s an robh Bush gu deich uairean ’san oidhche, agus nuair a rainig iad e bha an gille bochd marbh. Tha iomadh sgiorradh dhe’n t-seorsa so a’ tachairt le gunnachan us dagachan a bhi air an earbsa ri gillan òga nuair nach eile gnothuch aca riutha. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c, Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. [TD 102] [Vol. 5. No. 14. p. 6] ROB DONN. (Air a leantuinn o thaobh 99.) chuireadh e ann iomadh focal a dh’fhag e mach. Tha an “Clàr,” eashbuidheach agus mar tha e, ro fheumail do Dheasach a ghabhas os laimh Bardachd Rob Duinn a leughadh le curam agus le tuisge: agus air an aobhar so, tha e duilich gu’n dh’fhagadh a mach an “Clar-mineachaidh” as a chlo-bhualadh ùr, shaor a rinneadh de shaothair a’ Bhaird o chionn ghoirid, agus a gheibhear a mhain a nis anns na bùthain. A thuilleadh air so, is ann bho chuideigin no mu chuideigin air nach cualas iomradh a mach a Sgireachd fein a tha a mhor chuid de na h-Orain. Air ceann gach orain, gheibh sinn beagan fiosrachaidh mu’n aobhar mu’n deachaidh an t-oran a dheanamh, agus, ma dh’fhaodte, mu’n fheadhainn a tha air an ainmeachadh annta. Tha so ’n a chuideachadh mor a thuigsinn cuid de na rannan is fearr aig Rob Donn; ach cha’n ’eil ann, air fheabhas, ach cuideachad lag. Buinidh na h-uiread d’a Bhardachd d’a dhuthaich agus d’a latha fein, agus nach ’eil e ach gann comasach do choigreach Orain Rob Dhuinn a leughadh le lan-thuigse; agus tha mi deanamh dheth gu bheil, airson a’ cheart aobhair, moran de fhior luach a Bhardachd do-thuigsinn d’a luchd-duthcha fein an diugh. A ris, is eiginn aideachadh nach ’eil rann Rob Dhuinn an comhnuidh reidh, ceolmhor, co-dhiu do’n chluais Dheasaich, mar a tha rann nam Bard air am miann leis na Deasaich urram a chur. Gheibhear air uairean a rann cho mhilis, cheolmhor agus a dh’-iarradh an aon is tormasaiche cluas; ach gheibhear i air uairean, agus sin gu minic, cam, crubach. Tha fios agam gu’m fairich an Deasach faillinn anns an rann gu tric an uair nach ’eil failinn idir innte. Tha ceol mhoireachd na roinne a reir mar a dh’fhuaimeas tu na focail; agus tha dealachadh mor eadar cleachdadh an Deasaich agus an Tuathaich anns a’ cheum so. Ach an deigh na h-uile ni, cha’n ’eil rann Rob Dhuinn a ruith cho reidh no cho ceolmhor agus a bu mhaith leinn. Bha cluas-chiuil mhaith aige. Rinn e gu tric am fonn cho mhaith ris an Oran. Ach cha robh uiread meas aige air fuaim nam focal agus a bha aig moran d’ar Baird. ’S e brigh nam focal agus maise an fhuinn ris am bu mho bha Rob Donn ag amharc; agus cha’n ’eil mi cinnteach nach e bha ceart. Creididh mi gu bheil barrachd meas againn air cuid de Orain ’n a thoilleadh iad a chionn gu bheil fuaim na cainnt taitneach do’n chluais. A dh’aon ni cha tìg Rob Donn a nios ri Mairi-Nigh’n-Alastair-Ruaidh, no ri Dughall Buchanan, no ri Donnachadh Ban, no ri Uilleam Ross, no idir ri Ailean Dall ann an ceolmhoireachd a roinne. Feudaidh e bhi gu’m faighear feartan is airde agus is fearr na fuaim thaitneach ’n a Bhardachd. Ach cha’n eisd Gaidheil an taobh an Iar agus a Deas ri Bardachd mur cord an fhuaim riu, agus cha’n ’eil teagamh nach do chuidich so an cumail gun a bhi cho eolach aìr Orain Rob Dhuinn agus a bu choir dhoibh a bhi. D. M’K., ’sa Ghaidheal, 1877. Comhairle do Mhinisteirean. ORAID LE FIONN. [Fhuair sinn an òraid ghasda a leanas ann an “Iomradh Eaglais Shaor na h-Alba.” Bha i air a liubhairt ann an Glascho, air beulaobh o Chomuinn Cheiltich, o chionn choig bliadhn’ air ais, ach ’si ar barail gu bheil i cheart cho freagarrach an diugh ’sa bha i ’n uair sin, agus gu bheil a chuid mhor de na tha innte cho fior mu chearnan de Chanada ’sa tha iad mu Ghaidhealtachd na h-Alba.] Fhir na cathrach agus a chàirdean:—Is e mo chiad dhleasanas taing agus buidheachas a thoirt do’n Chomunn so air son, cha ’n e ’mhàin cuireadh a dhomh thoirt tighinn a so agus an fhearas-chuideachd a mhealtainn, ach cead a thoirt dhomh mo ghuth a shìneadh agus facal no dhà a ràdh ribh ann an cainnt bhinn, bhlasda ar dùthcha, a’ chànain sin mu ’n urrainn a mhòr-chuid againn a ràdh le bàrd na Leideige,— “’S i dh’ionnsaich sinn tràth Ann an laithean ar n-òig’, ’S nach tréig sinn gu bràth Gus an laidh sinn fo ’n fhòid,” Tha an sean-fhacal ag ràdh—“Is miann le triubhas a bhi measg aodaich, is miann leam fhéin ’bhì ’measg mo dhaoine.” A nis ged a’s miann leamsa a bhi leibh air an fheasgar so, cha’n ’eil e farasda dhomh labhairt, ach leis nach deachaidh nasg no buarach a chur orm, faodaidh mi an rud a thogras mi a ràdh, gun fhiamh, gun eagal, oir cha’n ’eil mi fo smachd na cléir. Ach air a shon so ma thuiteas dhomh ni air bith aithris nach còrd ribh, tha mi ’n dòchas nach bi sibh tuilleadh a’s usaideach ’n uair a chuimhnicheas sibh an sean-fhocal,—“Tha ’n Fhirinn féin air uairibh searbh.” Cha mhinistir ’s cha mhac ministir mi, ach faodaidh e bhi gu ’n urrainn domh earail mhath a thoirt dhaibhsan aig am bheil sùil ri bhi nam ministirean anns a’ Ghaidhealtachd gu goirid ma chaomhnas am freasdal iad. Nis tha mi ’n dochas gu bheil sibhse uile aig am bheil dùil dol do’n Ghaidhealtachd ’g ar n-uidheamachadh féin air son nan dleasanais a tha fa ’r comhair ’an sin. Tha e mar fhiachaibh oirbh sibh féin a dheanamh foirfe ann an Gàilig, agus ’ur dìchioll a ghnàthachadh chum a’ chànain aosda sin a labhairt gu mìn, réidh, boidheach; ’n a ’lànachd, ’na fior-ghloine ’s na maise,—gun bhlas na Beurla, gun cholamadh mosach ’sam bith. Na bithibh a’ smaoineachadh o’n a dh’ fhaodas e bhith nach eil na seann daoine còire anns a’ Ghaidhealtachd a suas ri feallsanachd agus Beurla mhòr, gu’m foghainn ràpaireachd no ròpaireachd ’sam bith ann an Gàilìg. Mur ’eil iad deas ann am Beurla no ro ealanta air sgoltadh ròinneag, neo-ar-thaing mar aithne dhaibh smior na Fìrinn agus deagh Ghàilig, agus tha iad murrach gu leòir air “tapachan” ’us “seotachan” a dheanamh de na ministirean òga a tha ’n tòir air sgìreachdan. Ma tha sibh foirfe, deas-chainnteach ann an Gàilig cha’n ’eil eagal orm nach bi bàigh agaibh do chainnt ’ur dùthcha, oir tha an darna ni a leanailt ann an lorg an ni eile. Air an làimh eile mur eil sibh ach lapach, liotach, crùbach anns a chànain aosda sin, cha’n urrainn mòr ghaol a bhi agaibh oirre, agus bithidh sibh ’ga tilgeil ann an cùil thall ’s a bhos agus a feuchainn ri obair na sgìreachd a ghiulan air aghaidh ann am Beurla, agus cha bhi a Ghàilig bhochd air a toirt air lom ach cho ainmig ’s a dh’fhaodas sibh. A nis ma bhitheas cùisean mar so, am bi iongantas oirbh ged a bhios na seann daoine comodh air ’ur son agus gu tric a tarruing coimeas eadar na Gàilig-Ghalda agaibhse agus a’ Ghàilig mhìn réidh ruiteach a bh’ aig an t-seann duine chòir a bha ’s an sgireachd air thoiseach oirbh, a labhradh cainnt a mhàthar cho Gàidhealach ris an fhraoch agus cho blasda ri im àiridh. Agus cha’n e ’mhàin gu’n toir sibh tàir oirbh féin, ach bheir sibh tàmailt do’n t-Soisgeul, ma bhitheas ’ur seanachas cho neo-bhlasda ri ubh gun salunn, agus cho tioram ri marag gun gheir. Cuimhnichibh so ma gheibh sibh sgireachd anns a’ Ghaidhealtachd gur ann a chionn gu bheil Gàilig agaibh ’s cha ’n ann air sgàth ’ur Beurla, oir ged a bhitheadh sibh lan Beurla agus comasach air a labhairt na h-uile lànachd, cha’n fhaigheadh sibh air a thàilibh so an sgireachd a’s lugha ’s a’ Ghàidhealtachd, ma tha sibh a dh’ easbhuidh Gàilig. Ma bhitheas meas agaibh air a Ghàilig cha toir sibh fein ’s cha leig sibh le neach eile, tàir a dheanamh oirre, no amharc sios orrasan a labhras i—agus theagamh gun chainnt eile ac’ ach i. Tha Gàidheil ann, agus tha iad lionmhor am measg na cleir, a labhras mar so:—Tha a’ Ghailig a dol bàs a dh’ aindeoin co theireadh e, agus mar a’s luaithe ’théid a càramh fo n fhòd ’s ann a’s fèarr.” Duine ’sam bith a labhras mar so mu chainnt a mhàthar, cha ruig e leas ioghnadh a bhi oirbh ged a bheir e breab dhi a h-uile uair a gheibh e cothrom. Ma tha an t-seann chànain a sheas cho fada, agus a dh’ fhoghain, mar chainnt do na laoich a rugadh ’s a thogadh ann an tìr nam beann, a fàs breòite—’s cha nàir dhith—’s olc an airidh gu’m biodh i ’na seann làithean, ’n uair a tha “a ceann air liathadh ’s a ciabhagan air tanachadh,” air a mi-ghnàthachadh le peasain, ’s air a saltairt anns an eabar leosan nach do thuig a maise ’s nach ’eil airidh air na daoine fiughanta a dh’àraich iad. Cuimhnichibh gu’n d’ fhuair sinne a’ Ghàilig mar dhileab luachmhor o ar n-athraichean, agus gu bheil e mar fhiachaibh oirnn a cumail gu cùramach agus a liubhairt thairis gu fallain, iomlan, gun ghaoid gun ghalar, do’n dream a thig ’nar déigh. Nach bi e nàrach agus maslach dhuinne ma leigeas sinn leis a’ Ghàilig fàs [TD 103] [Vol. 5. No. 14. p. 7] dìblidh, no dol bàs, no ma nochdas sinn cho beag bàigh dhi ’s gu’m feum i ’na seann làithean cùl a thoirt ri tìr a daimh, agus fàrdach a gaoil fhàgail—turus-cuain a ghabhail gu tir chéin agus dachaidh ùr a chur suas am measg Ghàidheil theò-chridheach Chanada, a bheir dhi furan agus fàilte. Cha’n fhaod e bhi gu’n tachair os ’nar latha-ne! Nach ann a ghlacas sinn misneach, agus a bheir sinn bòid gu’m bi sinn na’s dilse na bha sinn riamh do’n Ghàilig, agus anns an spiorad so nach feuch sinn ris a chànain ath-bheothachadh agus a mhisneachadh, ag aithris le m’ charaid Niall Mac Leòid,— “Duisg suas a’ Ghàilig, ’s tog do ghuth Na biodh ort geilt no sgàig, Tha ciadan mìle dileas dhuit Nach diobair thu ’s a’ bhlàr; Cho fad ’s a’ shiùbhlas uillt le sruth, ’S a bhuaileas tuinn air tràigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth, Gu’n téid do chur gu bàs.” Bha fear-turuis Sasunnach anns a Ghàidhealtachd o chionn ghoirid agus am feadh a bha e siubhal a null thar monaidh, thainig fras throm air. Choisich e astar beag gus an d’ ràinig e taigh a bha an sin, agus chaidh e a steach. Bha duine a stigh a chuir fàilte air, agus a chuir suidheachan ri taobh an teine air a shon. Mhothaich an coigreach nuair a bha e a stigh car ùine gu’n robh mòran tholl troimh an tugha agu guin robh ra’s leòir de shnighe a’ tuiteam a nuas gus an ùrlar. Thuirt e ri fear an taighe, “Carson nach càraich thu an tugha?” “Och,” ars an Gaidheal, “Cha’n urrainn dhomh sin a dheanamh agus an t-uisge ann cho trom.” “Carson nach do chàraich thu e nuair a bha an aimsir tioram?” thuirt an Sasunnach.” “A chionn,” fhreagair an Gàidheal, “nach d’thainig deur uisge a staigh nuair a bha an tiormachd ann.” Bha gille beag ann, aon uair, a bha ’na dhilleachdan agus air an aobhar sin b’ abhaist da bhi còmhnuidh còmhla ri bràthair athar; bha an duine so ’na fhear spiocach, cruaidh, ionnas gn’m bu tric nach d’fhuair am brogach gu leòir bidhe, agus mar sin dh’ fhàs e lag, fann, caol. Bha e a’ coiseachd air an t-sràid aon latha agus thachair e air miol-chù beag. Cha’n fhaca e riamh roimhe cù cho caol, agus sheas e fad mionaid no dha ag amharc air le iongantas. An sin ruith e gu luath a dh’ ionnsuidh a’ choin, thilg e a ghàirdeanan mu thimchioll a mhuineil, agus thuirt e, “A choin bhig bhochd! am bheil thusa còmhnuidh maille ri bràthair d’ athar mar an ceudna?” Is e Ordugh a’ Chluarain an t-òrdugh a’s sine a tha anns an Roinn Eorpa; bha e air a shuidheachadh anns a’ bhliadhna 787. Rinn an còigeamh Righ Seumas atharrachadh air an Ordugh anns a’ bhliadhna 1540 agus rinneadh atharrachadh eile air leis an t-seachdamh Righ Seumas anns a bhliadhna 1687. Cha robh Ordugh a’ Ghlùinean air a shuidheachadh gus a’ bhliadhna 1348. Bha na h-Eirionnaich agus na Cuimrich ni bu lionmhoire na na Sasunnaich fein anns an fheachd a chuir an ruaig air na Frangaich aig blar Chresi anns a’ bhliadhna 1346. Is abhaist do na Sasunnaich buaidh a chosnadh le treubhantas nan Ceilteach. Tha an cliù agus an duais daonnan aig na Sasunnaich agus tha na buillean agus na leòin aig na Ceiltich. Tha fear-teagaisg Gaidhlig a nis ann an Oil-thaigh Rioghail na h-Eirinn, agus tha an luchd-riaghlaidh ag ràdh gu’m faigh a’ Ghàidhlig a’ cheart chothrom agus cheartas a tha cànainean eile ’fasghinn. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 104] [Vol. 5. No. 14. p. 8] Oran do’n Mhac-Talla. LE GILLEASPUIG MAC ILLEOLAIN, MAC-AN TAILLEAR, AM BROAD COVE. A’ Ghaidheil rìoghail tha’n dràsda ’sgriobhadh Gu cainnt ar sìnnsreadh a chumail suas, Toirt fios is eòlais do roinn d’ar n’òigridh Le’n toil na h-òrain ’tha seoladh bhuat; Sliochd nam mòrbheann a leanadh tòrachd, An aobhar Dheòrsa ’s nach sòradh ruaig; Le’m breacan uaine ’s le’m feìllidh cuaiche ’Toirt lannan cruadhach a nuas a’ truaill. A Ghàidhlig fhìnealt’ ’s tu cainnt a’s prìseal A bh’am ro linntean ma’n d’rugadh sluagh; ’S tu bh’aig Adhamh a stigh ’s a Gharadh, ’Nuair chuìr e fàillt air a Ghràdh a fhuair; ’S i labhair Fionn agus Goll ’us Alpain A’ togail chaisteal aig oir nan stuagh; S’i cainnt a’s blasda’ n uair labhrar ceart i, Gun deirea facail, gun smal, gun truaill. ’Mhic-Talla aoidheil ’tha tigh’nn an taobh so Toirt naigheachd saor do gach aon mu’n cuairt, Se t-ainm a’s aosda ’tha measg chloinn-daoine, ’Stù fuireach daonuan ’s àn aonach shuas; An creagan àsde ’s an caisteil bhàna, Gum bi thu tàmh annt’ ri bhàths is fuachd; Gu tric le eibhneas bha mi ’gad eisdeachd ’S tu freagairt eigheach o’m bheul gu luadh. A fhleasgaich uasail a dhùisg mo dhuan domh, Mo dhùrachd buan duit gu’n soirbhich leat; Gu’n cruinnich uislean na tir mu’n cuairt ort, ’S gu’n tog iad suas thu gu luath ’an neart; Oir nochd do sgrìobhadh-sa moran dichìoll Is doimhneach ìnntinn ’tha dìreach, ceart,— Mo rùn gach uair dhuit gu’n cinnich buaidh leat ’S gu’m bi ’n clo-bualaidh ro bhuan da d’mhac. Ged tha mi ’n dràsda cho fad bho t-fhardaich Bu toil leam Gaidhlig a chuir ad chòir; Cha ’n ’eil ach sgàileadh am measg nan Gàidheal Go cainnt am mathar a chumail beo, Bho’n dh’fhalbh na h-uaislean a chumadh suas i Sa dh’ fhàg gu buadhmhoir ’i ann an cò,— ’S b’e sin an dìleab nach teid a dhìobradh Fhad ’s bhios a’ dìreadh o ghlinnan ceò ’Mhic-Talla uasail ’s tu mac a Chuairteir, A tir nam fuar-bheann ’bha uair tigh’nn oirnn; Cha tilleadh cuan e, ’s cha mhilleadh fuachd e, ’Sa bhreacan guailne aig’ suaint mu’ chòt’; Bu math ge inns’ e ma’n chomuun rìoghail, Mu dhol na rìoghachd ’s mar chinn na sloigh.— Bhiodh naigheachd ghrinn an mu Fhionnladh Piobair’ Bho’n tagha sgrìobhaiche, Tormaid og. Cha’n eil mi’n dràsda am measg do chairdean, A deanamh pàighidh airson do ghniomh: Tha doill am leirsinn, ’s cha dean mi feum dheth, Ga d’rinn mi leughadh’ an tus a thriall ’Na leanabh brònach, gun dad a threorachd— ’Se beagan òirleach ’bha beo ’na chliabh; Le tagha slàinte ’s le altrum bhàigheil Gu’n d’ rinn e fas duinn an àird ’s an leud. A charaid’ ghradhaich, bi’dh mi ’gad fhagail Anns a cheart aite s’ an d’fhuair mi thù, Ad shuidhe comhnard an caithair bhòidhìch, S tu sgriobhadh òran air paipear ùr; A h-uile duthaich ga’n d’rinn thu stìùradh, A’ toirt a rùin duit is cliu gach uair; A’ chùirtear ionmhuinn o Shrath Mhic Fhionghain, Gu’m bheil ort iomradh aig iomadh sluagh. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. Feumaidh ar caraid à Cabot, Vt., ar leis geal a ghabhail; fhuair sinn a litir, ach gus a so cha b’urrain dhuinn àite dheanamh dhi. Mur teid cùisean ’nar n-aghaidh ghaibh i àite ’san ath aireamh. Tha mar an ceudna litir à New Zealand, litir a Priceville, Ont. agus litrichean eile againn a dh’fheumas feitheamh gus an ath sheachdain, le cion ’s nach eile àit againn dhaibh. Tha aig an fhear-dheasachaidh ri cumail air ais o iomradh air a chuàirt do Eilean a’ Phrionnsa a leantuinn air son an aobhair cheudna. Ach gheibh na h-uile àite ma bhios beagan foighidin aca. Agus na cumadh so air ais duine sam bith eile aig a bheil litir bheag no mho ri chur g’ar ionnsuìdh. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. REIC AODAICH A’s mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh. A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct. Tha mi ’n deigh stoc anabarrach mor de dh’ Aodaichean Deante a cheannach bho na taighean a’s fhearr an Canada, air pris cho iseal ’s gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu, Cho saor ’sa dh’ iarradh tu. Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caite ’m bheil sinn. Anns an stor a tha ’n aon tigh ais a’ Bhanca. D. J. DOMHNULLACH. [TD 105] [Vol. 5. No. 15. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 17, 1896. No. 15 Cuairt do Eilean a’ Phrionnsa. LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH. Sguir sinn aig Caolas Chanso, agus far ’n do sguir sinn, tòisichidh sinn. Tha dha no tri de bhailtean beaga air fàs suas mu’n chaolas, agus tha iad a’ deanamh am beòlaind air a mhalairt a tha na soithichean a’ buileachadh orra, agus air an iasgach. Tha Hawkesbury agus Hastings air taobh Cheap Breatuinn, agus Mulgrave air taobh Nobha Scotia. ’Sann aig a bhaile bheag sin a tha sinn a dol air tir, agus tha ’n t-each-iaruinn an sin a feitheamh ruinn. Tha e air a shuidheachadh aig bonn beinne, agus ’si sin a bheinn chas. Cha’n eil dòigh air direadh o’n laimhrig dh’ ionnsuidh an aite ’sa bheil na storaichean ach air ceumannan staidhir, ’se sin mur eil thu deònach a dhol astar mor timchioll. Tha aig an each-iaruinn fhèin, ged is math anghadh, ri falbh o’n chala ’n co uhair a chùil gus a’ bheil e mu leth-mhile mach, agus an sin tha e gabhail air fiaradh na beinne, agus air an dòigh sin a ruigheachd a mullaich. Gun an car a thoirt aisde mar sin cha ’n fhaigheadh e thairis oirre am feasda. Ach fhuair e thairis an lath’ ud mar a rinn e iomadh latha roimhe, agus sinne air a shiubhal. Bha sinn a nise air tri mor, agus a falbh cho luath ’sa dh’fhaodamaid, Cha’n eil an rathad eadar Mulgrave us Antigonish idir cho socair ri rathad Cheap Breatunn. Bidh na carbadan a tulgadh a null ’sa nall air dòigh nach fhaicear ach gann air an taobh so dhe’n chaol idir. An deigh Mulgrave fhagail tha ’n carbad a’ ruith troimh choille agus troimh fhearann creagach, clachd. Ach an deigh fearainn bhriagha, dhùthaich mhath, far am faicear fearainn bhriagha, air an deagh obrachadh, agus far am bheil na tuathanaich a rèir gach colthais, gle chothromach. Bho nach robh mis’ èolach, cha robh aon àite dhomh ach mar a bha ’n t-àit eile, agus cha do ghabh mi moran beachd orra, agus mar sin cha’n urrainn domh a bheag a radh mu’n deibhinn. Bha àite no dha mu’n d’rainig sinn New Glasgow anns am b’fhior thoigh leam taghal na’n ceadaicheadh ùine dhomh sin a dheanamh. ’S e aite dhiu sin an Amhuinn a Deas far a bheil mo charaid, Alasdair au Ridse, ’fuireach‘ duine nach fhaca mi riamh, ach o’n cuala mi-fhin agus leughadairean MHIC-TALLA gu math trice, agus duine tha fhios agam a dheanadh beatha Gaidheal sam bith a ruigeadh e. Ait eile anns am b’e mo mhiann beagan ùine chur seachad, Antigonish. Tha ’n rathad-iaruinn a dol seachad ri taobh a bhaile sin, ach cha’n fhaighear sealladh còir sam bith air bhar a charbaid; tha e air a thogail air aite cho iseal ’s cho còmhnard ’s gur gann a chithear idir e. Tha idsan a tha eòlach air ag radh gur a baile bòidheach e agus ma tha chuid nach fhaca mise dheth cho bòidheach ris na chunuaic mi, tha iad ag radh na firinn. Bu toigh lean cuideachd taghal aig Amhuinn Bhàrnaidh, far ’n do’ chuir arn Bard Mac-Gilleain seachad àireamh bhliadhnaichean an deigh dha tighinn thar cuain, agus far an d’rinn e ’n t-oran tiamhaidh, muladach, “a Choille Ghruamach,” anns ’n do chuir e ’n ceil do’n t-saoghal mar a fhuair e America. “Cha’n ioghnadh dhomhsa ged tha mi brònach, S ann tha mo chomhnuidh air chill nam beann; Am meadhon fasaich air Abhainn Bhàrnaidh Gun dad a’s fhearr ma ’m buntata lom: Mu ’n dean mi àiteach ’s mu’n tog mi bàrr ann, ’S a choille ghabhaidh chur as a bonn Le neart mo ghairdein, gu’m bi e straicht’, Is treis’ air failinn mu’m fàs a’ chlann.” Gur h-iomadh caochladh ’tighinn air an t-saoghal, ’S ro-beag a shaoil mi ’nuair bha mi thall; Bu bheachd dhomh ’n uair sin mu’n d’rinn mi gluasad, Gu fasainn uasal ’nuair thiginn ann: An car a fhuair mi cha b’ ann gu m’ bhuannachd, Tigh’nn thar a’ chuain air a’ chuairt bha meallt’ Do thir nan craobh anns nach eil an t.saorsainn, Gun mhart, gun chaora, ’s mi dh’aodach gann.” Ach ’s mor an t-atharrachadh a thainig air an duthaich o’n uair sin. Cha ’n urrainnear le firinn, tir nan craobh a radh rithe tuilleadh. Tha choille ghabhaidh air a cur as a bonn agus ’na h-àite tha fiar us bàrr a fas o bhliadhna gu bliadhna, agus crodh us caoraich us eich ag ionaltradh far nach faighte an uair ud ach mathain us cait-fhiadhaich. Tha an diugh rathaidean-mora, air am faighear siubhal gu socair ann an carbad, agus eadhon an rathad iaruinn, far nach robh ’san àm ud ach ceum rathaid troimh ’n choille. ’S mor an t-atharrachadh a bheir ùine agus obair chruaidh air aghaidh dùthcha. Ach ged a b’e mo mhiann-sa stad anns na h-àiteachan so, cha robh math dhomh a dheanamh, agus lean mi air adhart. Beagan an deigh naodh uairean rainig sinn New Glasgow, agus an sin rinn an carbad dàil fhichead mionaid air son cothrom a thoirt dhuinn ar suipeir a ghabhail. An deigh sin chaidh sinn air adhart gu Stellarton, far am b’ fheudar dhuinn an carbad fhagail agus a dhol air carbad eile gus ar giùlan gu Pictou. Rainig sinn am baile sin mu leth-uair an deigh deich, agus air dhuinn a bhi car sgith ghabh sinn mu thamh air son na h-oidhche. An ath latha thug mi fhin ’s mo chompanach sgriob mu’n cuairt a choimhead a bhaile, agus mu dha uair feasgar chaidh sinn air bòrd an St. Lawrence, am bàta-smuide bha gu ar giùlan gu Eilean a’ Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus ’nuair a tharruinn sinn a mach o’n laimhrig bha ’n t-uisge cho còmhnard ’s ged nach bu mheur dhe’n chuan mhor e idir. Tha sealladh gle bhriagha ri fhaicinn an am a bhi dol a mach as an acarsaid. Tha ’m baile air a shuidheachadh air taobh cnoic air an laimh chli, ag amharc gle bhòidheach o’n uisge. Mu choinneamh a bhaile air an laimh dheis. Tha laimhrig a ghuail. Tha dùthaich eireachdail ceithir-thimchioll na h-acarsaid. tha beul na h-acarsaid gle chumhang, agus tha sin ’ga fàgail fasgach an latha ’s motha stoirm; tha uisge, domhain innte, agus uime sin tha i air a meas mar acarsaid ro mhath. (Ri Leantuinn.) Tha bantrach an Urr. Tearlach H. Spurgeon, an searmonaiche ainmeil a bha ’n Lunnain, an deigh òrdugh a thoirt seachad air son aon d’a shearmoin a bhi air a chur am mach ann an Gàilig. ’S e ’s ainm da, “A togail na Nathair Umha;” cha’n eil e air innse co rinn an t-eadar-theangachadh, ach tha an t-Olla Mac Fhionghain, an Duneideann, ag radh gu bheil e air a dheanamh gu math. Bidh tuilleadh de shearmoin Mhr. Spurgeon air an cur am mach an Gàilig an deigh so. GILLE MODHAIL.—Bha duin-uasal Sasunnach, Morair Abingdon, a bha na dhuine gle mhòralach, aon latha gabhail an rathaid ann an carbad, nuair a thachair gille beag air agus laogh aig air ròp. Stad an gille agus thòisich e air dùr-amharc an clar-aodainn a’ mhorair. Dh’ fheòraich am morair dheth an robh e ’ga aithneachadh. “’S mi tha,” ars an gille, “is tusa Morair Abingdon.” “’S car son, ma ta, nach eil thu toirt dhiot d’ ad?” “Ni mi sin,” ars an gille, “ma chumas tu fhéin an laogh.” B’ e faicinn na peucaig is breunas an t-sionnaich e. B’ e am bata ’ga thoirt duit gus mo cheann a sgailceadh e. B’ e an capull ’g a thoirt a dh’ Innsibh Gall e. [TD 106] [Vol. 5. No. 15. p. 2] ROB DONN. (Air a leantuinn.) Fhuair Rob Donn, ’na dhuthaich feìn cliù agus urram nach d’fhuair Baird, ma dh’ fhaodte, a b’airde buaidhean na esan. A mach as a dhuthaich fein, gu sonruichte am measg nan Gaidheal, cha d’fhuair e fathast an t-urram a tha dligheach dh’a. Cha’n fhiosrach mi gu beil aon d’ar Baird Ghaidhealach, a mach o Oisean, a dh’fhag ’na dheigh uiread Bardachb ri Rob Donn; agus cha’n ’eil aon idir ann a rinn uiread oran ris. Feudaidh e bhi gur e is aobhar gu bheil na h-uiread dhiu a nis air sgeul nach robh e fein a lathair an uair a chuireadh a mach an leabhar, agus gu’n do ghleidheadh a chuid oran air chuimhne na b’fhearr na ghleidheadh saothair nam Bard nach do chruinnich an orain fein. Ann an coimeas r’ar Baird Ghaidhealach thar cheann, tha Rob Donn comharraichte airson giorrad agus aireamh a chuid oran. Cha’n ’eil, ma dh’fhaodte, Bard againn a thug seachad uiread fhuinn ris; cha’n eil aon idir aig a’ bheil cho lionmhor atharrach steigh ris. ’S e Orain shùgach, Aoirean, agus Marbhrannan is trice a tha aige; ach cha’n ’eil teud de’n chlarsaich Ghaidhealaich nach do bhuail e. Cha’n ’eil inntinn air a lionadh le aillidheach maise, agus greadhnachas na tìre mar bha inntinn nan triuir Bhard a bu cho-aoisean dh’a—Mac-Mhaighstir-Alastair, Dughall Buchanan, agus Donnachadh Ban; ach gheibh sinn uair no dhà dearbhadh nach robh gloir agus greadhnachas a’ chruthachaidh foluichte o shuil nò o chridhe. Cha’n ’eil Orain Ghaoil Rob Dhuinn cho lionmhor no cho blath ri Orain Ghaoil cuid d’ar Baird. Ach tha cuid diu so, agus aon gu sonruichte a rinn e d’a cheud ghaol—do “Anna bhuidhe nigh ’n Domhnuill”—an deigh dh’i cul a chur ris, air nach toirear barr’ n ar canain. Saoilidh mi gu’n dearbh an ceathramh mu dheireadh de’n oran so gu’n robh cluas, cridhe, agus inntinn Baird aig Rob Donn: “Ach cionn bheir mi fuath dhuit, Ged dh’fhuaraich thu rium, ’N uair ’s feargaich’ mo sheanachas, Mu t ’ainm air do chùl, Thig t ’iomhaigh le h-annsachd, ’N a shamhladh ’n am ùigh, Saolidh mi’s an am Gu’n dean an gaol sin an tùrn. ’S theid air a ràth, Gu h-as-ur, Is fasaidh e’n trà sin, Cho àrda ri tur.” Ach ged rinn Rob Donn iomadh Oran de’n t-seorsa so a dh’fhirinnicheas barail Iain-’Ic-Aoidh, Fear Mheilinis, “Leis gach breitheamh d’an eol dàn, Bidh cuimhe gu brath air Rob Donn,” cha’n ’eil teagamh nach e Aoirean agus gu sonruichte a Mharbhrannan agus Orain aotrom, shùgach, aighearach a ghleidheas ainm air chuimhne. Airson a leithid so de Bhardachd, chà’n ’eil, a reir mo bheachd, coimeas do Rob Donn am measg nam Bard Gaidhealach. Ann an cuid de fheartan Bardail, agus ma dh’fhaodte anns a’ chuid is airde, cha tig e nios ris na Baird Ghaidhealach is ainmeile ’n ar measg. Cha choimeasar Rob Donn no aon eile d’ar Baird Ghaidhealach ri Oisean. Tha agus a reir coltais bithidh aìte air leth aige-san ann an teampull na Ceolraidh Ghaidhealaich. Cha mho a choimeasar, a reir mo bheachd ann an ceartas, Rob Donn airson reachdmhoireachd smuain no neart cainnt ri Mac-Mhaighstir-Alastair, no ri Donnachadh Ban airson snas cainnt no grinneas ’us ceolmhoireachd roinne; agus cha’n ’eil idir sealladh ard no smuain ghreadhnach Dhughail Buchanain aige. Ach bha inntinn cho beo aige agus a bha aig aon de’n triuir; agus cha robh aon diu a bu gheire suil a dh’fhaicinn roimh chridhe cuise no roimh chridhe duine na Rob Donn. A thuilleadh air so saoilidh mi nach robh aon d’ar Baird ainmeil Ghaidhealach aig an robh an tomhas de thuigse nadurra a bha aig a’ Bhard so; agus tha an seud ainmig so cho feumail do’n Bhard, mur ’eil na’s feumaile, agus a tha i don each eile. Chum am feart so, agus firinn a naduir, Rob Donn ceart ’na mholadh agus ’na chaineadh an uair a bha an cunnart mor gu’n rachadh a cli. Cha’n ’eil teagamh nach ’eil a’ chuid mhor de luach Aoirean agus Mharbhrannan Rob Dhuinn ’nam firinn. Mur biodh dearbhadh againn gur ann le rùn maith, neo-fheineil a rinn Rob a’ chuid is mo agus gu sonruichte a’ chuid is fearr d’a rannan, cha bhiodh meas cho mor againn orra agus cha toilleadh iad e. Ma chuireas tu grinn a taobh, ma dh’fhuilingeas tu dhuit fein a bhi luaidh ri neach gach feart ’us rian maith no dona is aithne dhuit, saoilidh mi gu bheil e na’s usa dhuit rann ceolmhor, reidh a dheanamh na bhitheas e ma ghleidheas tu an comhnuidh dlù ris an fhirinn. ’S e mo bheachd gur e an aon choire is mo dhearbhar air Rob Donn mar Bhard gu’n do chaith e ro bheag dragh ri orain. Saoilidh mi gu bheil e fior, agus gur call mor do’n Bhardachd Ghaidhealaich gu bheìl, gu’n robh an duine so comasach air a chuid oran fhagail na b’fhearr na rinn e, agus gu’n robh e comasach air obair a b’airde dheanamh na ghabh e os laimh. Tha e air innseadh dhuinn gu’n robh e deanamh oran o’n a bha e tri bliadhna a dh’aois g’a bhas; agus ged, ma dh’fhaodte, nach ’eil Bard Gaidhealach againn a ghleidh an comhnuidh ma choinneamh cudthrom agus soluimteachd dreuchd a’ Bhaird mar a ghleidh Rob Donn, tha e fior gur gann a ghabh e barrachd dragh a’ taghadh a steigh no ’rann no chainnt ’na thri-fichead bliadhna na ghabh e ’na thrì. Thigeadh ni no neach ’na rathad a bha toillteanach air cliù, air achmhasan, no air fochaid, agus ann an tiunndadh na boise bha an t-oran deanta agus cha robh an ath tilleadh ris. Cha rachadh e fad na cois a dh’iarradh steigh, agus cha smuaineachadh e dà uair airson focal a bu fhreagarraiche ’na cheile. Be gne inntinn an duine, a reir coltais, o oige a bhi beothail, ullamh, geur. Bha a Bhardachd ann an tomhas mor de aon ghne r’a radhan agus r’a fhreagairtean. Bha e teabaidh, beairrte, geur thar tomhais, agus gheibheir am feart so ’na rann, ma dh’ fhaodte, na’s trice na gheibhear na feartan Bardail is airde. A cha thuilleadh air so bha cridhe blath aige, agus bha nadur fior, misneachail, duineil aige a chum na feartan cunnartach ud eile fo smachd cubhaidh. Cha’n ’eil teagamh nach ’eil Orain Rob Dhuinn ann an tomhas na’s luchmhoire a chionn gu’n deachaidh cho beag dragh a chaitheadh riu. Tha sinn na’s eolaiche air a’ Bhard agus air ghne inntinn a bha aige do bhrigh so. Is mor an luach a bhi faotainn toradh inntinn gheur blath o’n chridhe. Agus tha e air innseadh dhuinn gur gann a chaith Rob Donn os cionn uair no dhà—air a chuid bho mho—ri aon d’a chuid oran. Tha dearbhadh air gu’n do rinn e cuid de na h-orain is fear ann an uine bu ghiorra na so. Ma dh’fhaodte nach ’eil aon d’a orain cho ainmeil ri “Marbhrann Eoghain” agus ri “Briogais Mhic-Ruairidh.” Ged nach deanadh e riamh Oran ach an dithis so fein, bhiodh a chliù àrd am measg nam Bard Gaidhealach. Tha fios againn gu’n deachaidh “Marbhrann Eoghainn” a dheanamh ann a fior bheagan uine am bothan Eoghain fein mu’n d’fhag an anail e; agus gu’n do rinneadh “Briogais Mhic-Ruairidh’ ann an iomlaid leth-uair an uaireadair—am feadh agus a bha am Bard a’ coiseachd mu dha mhile de astar. Ach ged gheibhear cuid de orain Rob Dhuinn fior mhaith, cha’n ’eil teagamh nach ’eil, nan smuain, ’nan cainnt, agus ’nan rann blath an deifir air a mhor chuid diu. Ged chaidh orain a sgriobhadh o bheul a’ Bhaird fein, cha’n ’eil e ro-choltach gu’n robh cothrom aig Rob Donn mar bha aig ar Baird ainmeil eile air a shaothair fhagail air an doigh a b’ fhearr mar dhileab aig an t-sluagh. Sgriobh agus chlobhuail Mac-Mhaighstir-Alastair agus Dughall Buchanan am Bardachd fein. Bha làn uine agus làn chothrom aca air a shonruchadh ’nan inntinn fein a chuid de’n saothair a bheireadh iad seachad do’n t-saoghal agus an doigh air an tugadh iad seachad e. Tha e air aithris gu’n do sgriobh an t-Olla Stiubhart, Ministeir Chill-fhinn, a dh’eadar-theangaich an Tiomnadh Nuadh gu Gaidhlig, orain fein do Dhonnachadh Ban Mac-an-t-Saoir. Bha mar so làn chothrom aig an triuir Bhard so air amharc thairis agus thairis air saothair fein mu’n do chuireadh fa chomhair an t-saoghail ann an leabhar i. Cha’n aithne dhomh call is mo do chliu Rob Dhuinn na nach d’fhuair esan an cothrom ceudna. Bha e fein agus a mhinisteir—an t-Olla Domhnullach—’nan deagh chairdean. Is tric a smuainich mi na’n sgriobhadh an duine so Bardachd Rob Dhuinn gu’m biodh i againn air doigh gu mor na’s taitniche na tha i. Cho fada agus a thainig a chliù a nuas g’ar latda-ne ann am Bardachd Rob fein, bu duine tuigseach [TD 107] [Vol. 5. No. 15. p. 3] an Domhnullach, aig an robh inntinn fharsuing, cho maith ri ministeir dileas. Saoilidh mi na’n sgriobhadh am ministeir so Bardachd Rob Dhuinn gu’n cuireadh e stad air a’ Bhard aig iomadh focal agus aig iomadh rann agus gu’n abradh e ris; “Stad ort a Rob! A’ bheil thu cinnteach nach ghabhadh am focal no an rann so a leasachadh? ’S e do dhreuchd-sa a bhi seinn mar is e mo dhleasdanas-sa a bhi searmonachadh. Ach cuimhnich an uair a bhitheas tusa agus mise a’ cnamh anns an uir, an uair a bhitheas mo shearmoinean-sa agus iadsan a chuala iad gu tur air di-chuimhne, gu’m bi t-orain-sa agus t-ainn cho caithreamach am measg an t-sluagh agus a tha iad an diugh. Tha mise a’m fhear-teagaisg do mhuinntir na sgireachd so ann am latha feinn. Is goirid gus am bi mo chliù agus m’ainm am measg nan nithean a bha. Ach tha thusa a’d fhear-teagaisg do d’shlùagh cho fhad agus a bhitheas iad fein agus an canain beo air thalamh. Am feadh ’s a dh’innsear sgeul no sheinnear oran ann an Gaidhlig, bithidh Faolan agus an Geigean agus Iain Thapaidh agus am Boc Glas agus Mac-Ruairidh agus Eoghan agus Clann-Fir Ruspainn a’ toirt foghluim agus toilinntinn do mhiltean do d’luchd-duthcha anns gach cearn de’n t-saoghal. Tha fios agam gur ann air taobh na coir, na firinn, agus nan deadh bheus a tha do theagasg agus a bu maith leat e bhi. Ach tha thu a’ seinn airson nan linntean a thig a’ d’ dheigh. Cha bu maith leat fein no leam-sa gu’m biodh do chainnt no do smuain ’n an ceap-tuislidh do aon a leughas t-orain. Thoir an aire, ma ta, gu’m bi t-orain agus do dhain air an aiseag do’n t-sluagh anns an doigh anns am bu mhaith leat do chliù fein, cliù do shluaigh, agus cliù Bardach do dhuthcha a bhi air an gleidheadh beo air feadh an t-saoghail re nan linntean ri teachd.” Tha mi meas na’m biodh smuaintean de’n t-seorsa so fa chomhair inntinn Rob Dhuinn an uair a sgriobhadh a’ chuid oran gu ’n robh iomadh focal agus sreath agus rann air an atharrachadh a chum na cuid a b’fhearr. A thuilleadh air so, saoilidh mi na’m biodh smuaintean de’n t-seorsa so aig a’ Bhard an àm deanamh nan oran gu’m faighteadh moran diu na’s fearr na gheibhear a nis iad; agus gum faighteadh ’na shaothair oidhearpan na b’airde na thug e riamh. Tha e gun teagamh fior gu’n do rinn Rob Donn ann am beagan mhionaidean na h-orain is fearr a dh’fhag e ’na dheigh. Ach is e mo bheachd gu bheil e cheart cho fior gu’m biodh eadhon iad so na bu taitniche na tha iad n’n caitheadh am Bard tuilleadh dragh riu; agus gu’n robh e comasach air saothair a b’airde na ghabh e riamh os liamh. Bha inntinn Rob Dhuinn, mar a dh’fheumas inntinn Baird a bhi, soilleir, geur, mothachail agus bha i gun sonruichte beo, luath; ach cha do choisinn Bard riamh, air airde a bhuaidhean, a’ chliù is airde gun inntinn a bhi air a smachdachadh le stri chruaidh agus thoighidneach. Cha do rinn agus cha dean lamh no ceann mhic an duine gniomh a mhaireas gun dragh, gu spairn. Ann am fallus a ghnuis ithidh e aran, agus ann am fallus eanachainn ni e oran no turn sam bith eile a ghleidheas ainm air chuimhne. Tha an t-iarunn o’n teallach loisgeach, drillseach, ach buailear air an innein e agus fuaraichear anns an uisge e mu’m fas e ’na stailinn righinn, cruaidh. Thig an smuain is doimhne agus na focail is geire air uairean clis mar bhoisgeadh an dealanaich, ach ged lasas am boiegeadh an iramailt car tiota os cionn solas a’ mheadhon-la, falbhaidh e mar thainig agus tha an dorchadas na’s mo na bha e roimhe. Is e solus laidir, teth, cinnteach na greine a bheir beatha agus fas do’n t-saoghal. Bhiodh smuain Rob Dhuinn, fior agus geur mar is trice a tha i, na b’fhirinnich agus na bu gheire, agus bhiodh a chainnt na bu shnasmhoire, na bu mhaisiche, agus na bu cheolmhoire, na tha iad, na’n cnuasachadh e orain thairis agus thairis mu’n d’thug e seachad do’n t-sluagh iad. Agus gu sonruichte tha mi meas n’am biodh inntinn air a cleachdadh ri saothair dhian, chruaidh, gu’n d’thugadh e oidhearp na b’airde na thug e, agus gu’m faigheamaid o Rob Donn oran a sheasadh guala ri guala, mur biodh an ceann aige orra, ri “Beannachadh Luinge” Mhic-Mhaighstir-Alastair, ri “Latha Bhreathanais’ Dhughaill Buchannain, no ri “Peinn Dorain” Dhonnachaidh Bhain. (Ri leanntninn.) Na Hungarianaich. Theagamh nach robh riamh cinneach eile anns an t-saoghal a bha cho dileas do chànain an sinnsear ris na Hungarianaich. Bha iad air an ceannsachadh leis na h-Austrianaich anns a’ bhliadhna 1849. Chog na Hungarianaich gu cruaidh, gaisgeil agus bu tric a chuir iad an ruaig air na h-Austrianaich, ach thàinig na Ruiseanaich a chuideachadh an naimhdean, agus mar sin bha na Hungarianaich bhochda air an coisnachadh gu buileach leis an dithis. Theich cuid de na cinn-feadhna gus an Tuirc, ach bu lionmhoire iad a bha air an glacadh agus air am mortadh. Cha luaithe a chuir na Hungarianaich sios am ball-airm na rinn na h-Austrainaich direach mar a rinn na Sasunnaich ann an Eirinn agus anns a’ Ghàidhealtachd nuair a fhuair iad an lamh an uachdar air na Gaidheil. Chuir iad gu bàs tàireil gach fear cliùiteach, ainmeil, uaibhreach air am b’ urrainn daibh greim a dheanamh. Bha an dùthaich air a lionadh le fuil agus le deuran agus le tuireadh ionnas agus nach b’urrainn di a bhi ni bu mhiosa ged a bu e Cromuel, no Cumberland am Feòladair a bhitheadh ’gan ceannsachadh. Cha robh ain-tighearnas sam bith nach d’rinn iad, ach aon ni a mhàin agus is e sin so, cha do chuir iad bacadh air an èideadh dùthchasach, mar a rinn na Sasunnaich ris an fhèileadh. Thug iad Austrianaich no coigrich a taigh do gach inbh dreuchdail, cudthromach, agus shuidhich iad luchd-imriche coimheach anns gach cearn de an dùthaich, direach mar a tha na h-uachdarain a’ deannamh anns a’ Ghaidhealtachd air an latha an diugh, ach cha robh na Hungarianaich cho sìtheil ris na Gàidheil oir bu tric a dh’eirich iad air na coigrich. Thugadh a’ chainnt dhùthchasach cho iosal agus gu’n do chuireadh i a mach as na sgoilibh, as na h-Oil-Thaighean, agus as na Cùirtean Lagha. Bha uile ghnothaichean na dutcha air an deanamh ann an cainnt na Gearmailt. Ach a dh’aindeon so uile cha deachaidh na Hungarianaich gu tirean cèin, no cha d’ thuirt iad gu’m bitheadh e ni b’ fhearr aon chànain a bhi aig an t-sluagh, agus sinn cànain am buaidhearan, mar chluinneas sibh cuid de na Gaidheil ag ràdh; cha robh iad cho faoin, ach sheas iad gu duineil airson dùthaich agus cainnt nan daoin o’n d’thainig iad. Theagasg iad an cànain mhathaireil do an cloinn ged a bha sin direach an aghaidh an lagha, agus rinn iad sior ghluasad air a son feadh mhòran bhliadhnachan gus an d’ fhuair iad i mu dheireadh air a h-ais anns na sgoilibh a rithisd. Chum iad air adhart agus anns a cheann mu dheireadh bha cainnt na Gearmailt air a cur a mach gu buileach, agus tha uile ghnothaichean na dùtucha air an deanamh anns a’ Mhagyer an cainnt fèin, a nis. Bhitheadh uile ghnothaichean na Gàidhealtachd air an deanamh anns a’ Ghàidhlig na’m bitheadh uiread de mhisneachd aig na Gàidheil agus a bha aig na Hungarianaich. Is i so a’ chomhairle a thug Cossuth air a luchd-dùthcha mu dheidhinn nan coigreach a bha ’nam measg. “Deanaibh cabhag, agus deanaibh Hungarianaich dhiubhsan no ni iadsan Austrianaich dhibhse.” Bu choir do gach Gàidheal na facail so a thoirt fainear, oir is furasda fhaicinn ciod a thacharas do chanain Chaluim-Chille ma dh’ fhanas sinn ni’s fhaide ’nar cadal. L. L. “LAYS OF THE HEATHER” So ainm leabhair bàrdachd a thainig ugainn o chionn ghoirid á Lunnainn. Tha e air a sgrìobhadh le Miss A. C. Nic Dhonuill na Ceapaich, bana-bhàrd Chloinn Donuill. Is ann am Beurla tha e, ach a mach o sin tha e cho Gàidhealach ri fàd mòine. Tha e ann an iomadh dòigh a tilgeil soluis air gnè nan Gàidheal—am bàighealachd, an tiamhaiche, agus an treubhantas—agus tha e lan de ghràdh dachaidh agus dùthcha. Mholamaid an leabhar dhaibhsan le’n àil fior bhàrdachd a leughadh, agus a tha deigheil air a bhi treòrachadh a smuaintean gu Tir an Fhraoich. Gheibhear an leabhar so air tri tasdain ’s naoidh sgillinn (3s. 9d.) le sgriobhadh gu Miss A. C. MacDonnell, 86 Cabridge St., Eccleston Square, London S. W., England. Tha Reic mhor Aodaich aig D. J. Domhgnullach. Tha gach ni ’ga reic cho saor ’sa bhrbhas e. ’S coir dhuit aige. [TD 108] [Vol. 5. No. 15. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, OOTOBER 17, 1896. Rinn Mr. Gladstone òraid ann an Liverpool, an Sasunn, o chionn ghoirid, a tha ’n deigh gluasad a chur air feadh Bhreatuinn, agus uile rioghachdan na Roinn-Eorpa. Bha an òraid air a liubhairt aig coinneamh a bh’ air a gairm anns a bhaile mhor sin air son fhaicinn ciod a ghabhadh deanamh air son stad a chur air obair sgriosail nan Turcach ann an Armenia. ’Nuair a thòisich e bha a cheann crom, agus a ghuth fann; bha fior choltas an t-seann-duin’ air, ach mu’n deach e fad air adhart, dhirich e e-fhein agus dh’ fhàs a ghuth laidir, a toirt an cuimhne a luchd-éisdeachd nan làithean o shean nuair a bha e thaobh bodhaig us inntinn an tréine neart. Thug e sgriob uamhasach air mortair mor na Tuirce, agus ghuidh e air Riaghladh Bhreatuinn cur cruaidh ris air son a dhroch dheanadais. Tha an òraid an deigh atharrachadh mor a thoirt air beachd sluaigh Bhreatuinn, agus a nochdadh gu soilleir, ged a tha Gladstone air cùisean-riaghlaidh a leigeil uaithe, gu bheil e cho comasach air inntinnean dhaoine ghluasad sa bha e riamh. Tha sinn a cur romhainn àireamh mhor de luchd-gabhail ùr fhaotainn do’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Tha fhios againn gu bheil miltean de leughadairean matha Gàilig air feadh na dùthcha so fhéin, agus air feadh gach dùthaich eile do’m bheil am paipear a’ dol, nach eil aona chuid ’ga ghabhail no ’ga leughadh. Nach eil an t-àm aca sin tòiseachadh air a ghabhail, agus nach còir do gach aon aca ’ainm ’s a dholair a chur gu’r n-ionnsuidh gnn dàil. Tha fhios againn gu bheil moran ’nam measg a bha deonach cur ’ga iarraidh o chionn fhada ach chuir iad dàil ’sa ghnothuch, agus le dàil a chur ann rinn iad dearmad, agus cha do chuir iad ’ga iarraidh fhathast. Air son iad sin a ghreasad tha sinn a dol a thoirt tairgse dhaibh. Duine sam bith a chuireas a dh’ iarraidh a phaipear uair sam bith eadar so us Bliadhn’ Ur, agus a chuireas an dolair ugaiun aig an àm cheudna, gheobh e na bhios gun ruith dhe’n bhliadhna so a nasgaidh, agus pàighidh an dolair gu deireadh na bliadhna tha tighinn, ’se sin gus an 31mh latha de Dhecember, 1897. Tha sinn an dòchas gun toir an tairgse mhath so àireamh cheudan de luchd-gabhail ùra an rathad MHIC-TALLA. CO a cheud fhear a thig? Tha aon sgeul a thainig as na Stàitean air an t-seachdain so, ag innse gu bheil na Republicans cinnteach gu’m bi M‘Kinley air a thaghadh mar cheann-suidhe. Tha fios eile ag ràdh gu bheil na Democrats cinnteach a taghadh Bhryan. Tha dithis eile bharrachd air M‘Kinley us Bryan ag iarraidh na dreuchd, agus o’n a lionas aon duin’ i, tha eagal oirnn gu’m bi triùir dhiubh gu math tùrsach air feasgar an treas latha dhe’n gheamhradh. Litir a Margaree. A MHIC-TALLA:—Is fada bho’n a bha dùil agam litir bheag a chur ugad, gus innse do d’ luchd-leughaidh an t-eolas a fhuair mi agus a tha mi faighinn ort. ’Nuair a thoisich MAC-TALLA air taghal ormsa an toiseach, ’s gann gu leughainn ainm; gu firinneach cha leughainn an darna facal; ach an diugh leughaidh mi gach darna facal agus gach facal a tha eatorra. Cha mhor nach robh mi cho aineolach air leughadh na Gàilig ’sa bha an duine dubh, nuair a fhuair e am paipear-naigheachd, “co dhiubh,” ars esan, “is e na sgrioban dubha no na sgrioban geala bhios iad a leughadh.” Cha ’n eil moran naigheachd agam dhuit an dràsda ach naigheachd a th’agaibh fèin. Tha an t-side ’fas anabarrach fliuch, greannach, agus tha na lathaichean so gu h-àraid gle mhi-fhreagarrach air son buain a’ bhuntata, ged a dh’fheumas daoine bhi ris. Fhuair sibh beagan litrichean as a’ chearna so agus m’ainmsa riutha. Is aithne dhomh fhin gu ro-mhath an fheadhhain a bha ’g an sgriobhadh, agus thoireadh na gillean gasda ’n aire nach tig mise beo orra. Ach a roghainn air iad a sgur gu buileach, faodaidh iad m’ ainn a chur ri ’n cuid litirchean cho tric ’sa thogras iad. Bho’n is i so a cheud ionnsuidh a thug mi air sgriobhadh ’Gailig, tha mi an dòchas gu’n gabh sibh mo leisgeul air son mo mhearachdan. Bidh mi a’ sgur aig an àm so le durachd gu’m bi iomadh bliadhna shaoghail aig MAC-TALLA. Is mi do charaid dileas, AONGHAS BEAG. S. W. Margaree, Oct. 3, 96. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 109] [Vol. 5. No. 15. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh moran feòir a mhilleadh leis na h-uisgeachan troma bh’ann o chionn ghoirid, gu h-àiaid feur a bh’air na h-àiteachan-boga. Ann am Mira chaidh moran feòir a bh’ann am mullain a sguabadh air falbh leis na tuiltean. Chaidh eaglais ùr Chaitliceach fhosgladh ann an Grand Mira Di-donaich ’sa chaidh. ’S e an t-Urr, Ruairidh Mac Neil sagart na sgireachd. Bha aìreamh de shagairt nan sgireachdan mu’n cuairt ’ga chuideachadh aig fosgladh na h-eaglais. Tha a’ chùirt Mhor ’na suidhe air an t-seachdain so. Tha àireamh mhor de chàsan air a beulaobh, agus cha ’n fhaighear am feuchainn uile aig an t-suidhe so. Cha ’n eil teagamh nach bi suidhe eile ann romh thoiseach a’ gheamhraidh. Tha sianar dhaoine ’s mhnathan a’ fuireach anns a’ Bhaì ’n Ear, agus le àìreamh am bliadhnaichean a chur ri cheile, theid iad cho àrd ri coig ceud ’s da fhichead bliadhna. Tha iad le ’n gabhail thar a chèile, ceithir fichead bliadhna ’s deich a dh’aois. Dh’fhalbh soitheach beag iasgaich à Sidni Tuath gu dhol dh’ionnsuidh nam bancaichean, agus cha d’fhuaras sgeul oirre fhathast. Bhuinneadh i do Sheumas Moore à Amhuinn Sheòrais. Cha robh air an t-soitheach ach Moore ’sa mhac, ’s dithis dhaoin’ eile mhuinntir a Bhras d’Oir Bhig. Thatar a gabhail eagail gu’n deachaidh an soitheach ’s na bh’ air bord a chall. Bha Sir Tearlach Tupper agus a bhean posda leth-cheud bliadhna air an t-seachdain s’a chaidh, agus chum iad co-ainm an latha, no mar theirear, bha a bhanais òir aca, air Dior-daoin. Fhuair iad an là sin, litrichean agus fiosan as gach cearna de Chanada, agus à Breatuinn, o daoine bha deanamh co-ghàirdeachas maille riutha, agus thainig moran ghibhtean luachmhor g’an ionnsuidh, fiach dheich mile dolair air fad. Chaidh bàthadh muadach a dheanamh ann an. Glace Bar feasgar Di-dònaich. Chaid triuir ghillean, Donnachadh Moireastan, aon bliadhn’ deug a dh’aois, Aonghas Moireastan, agus Tearlach Baitilier, coìg bliadhn’ deug a dh’aois a mach air dana ann an tuba aoil; chaidh i thairis orra, agus bha an triuir air am bàthadh. Bha athair fear de na gillean ann an tigh na cùrtach an Sidni nuair a fhuair e sgeula bàis a mhic. Bha iad air an tiodhlachadh Dior-caiduin. Bha uisge na seachdain ’so chaidh ’s na seachdain roimhe sin anabarrach trom air taobh eile ’n eilein moran na bu truime na bha e againn an so. Tha na daoine ’s sine ’san duthaich ag radh nach cuimhne leotha uiread uisge fhaicinn riamh roimhe a tuitean ann an ùine cho goirid. Bha na roidean ann an iomadh àite air am milleadh gu dona, agus leis an tuil a bh’anns na h-aibhnichean chaidh moran dhrochaidean a thoirt air falbh. Bha an t-uisge cheart cho trom ann an Nobha Scotia: ann am baile Halifax bha e sileadh fad cheithir latha deug. Tha duine fuireach aig Hillside, am Mira, Iain Domhnullach, a tha ceithir fichead bliadhna ’sa coig deug a dh’aois, agus tha e cha mhor cho tapaidh ’sa bha e riamh. Tha mac dha, Cailean Domhnullach, a fuireach ’sa bhaile, agus cha ’n eil bliadhna nach eil e tighinn a stigh a dh’amharc air a dha n tir dh’uairean, agus a’ deanamh an astair dh’a chois, da mhile dheug. Tha e gu stan fallain agus a bhuaidhean nàdarra aige cho math ’sa bha iad an làithean òige, ach a mhàin gu bheil e air is beagan bodhar. Tha moran de na dhaoine a thainig a mach do’n dùthaich so an toiseach, a dh’aideoin gach cruadal troimh ’n deach iad, an deigh aois mhor a ruigheachd. Tha dùil aig cuideachd a’ ghuail barrachd mor guail a chur am mach am bliadhna sa rinn iad an uiridh. Tha H. M. Whitney ceann na cuideachd ag radh gu’n cuir iad a mach mu’n sguir iad am bliadhna aon ceud deug mile tunna. An uiridh cha do chuir iad a mach ach beagan thairis air ochd ceud mile tunna. Tha Morair Roseberry, a bha na cheannard air na Liberals ann an Sasuinn o chionn dha no tri bliadhnaichean, an deigh an dreuchd a leigeil uaithe, agus tha aca ri ceannard eile thaghadh. ’S e b’ aobhar dha sin a dheanamh nach urrainn dha aontachadh leis na thuirt Mr. Gladstone anns an òraid a liubhair e ann an Liverpool. Thug fear Deòrsa Hewill a bha ’san tigh-obrach an Kingston, Ontario, ionnsuidh gharg air beatha fear-cumail an taighe, a sheachdain gus an dè, agus loisg am fear eile’ air, ’ga mharbhadh air a bhad. Bha Hewill anns an tigh-obrach o chionn dheich bliadhna, agus bha e fad na h-ùine anabarrach draghail do ’n luchd-gleidhidh. Seall ann an ait eile dhe’n phaipear agus faic an tairgse tha sinn a toirt do fheadhainn a tha airson tòiseachadh air gabhail MHIC-TALLA. Bu chòir do gach aon tha ’ga ghabhail an drasda oidhearp a thoirt air fear no dha de luchd-gabhail ùrsa fhaotainn dha eadar sous Bliadh’ Ur. ’Nan deanadh iad uile sin bhiodh àireamh luchd-leughaidh a phaipear air an dùbhlneadh. Tha na Stàitean an deigh soitheach-cogaidh a chur a null dh’an Tuirc a dh’iarraidh fios-freagairt o’n t-Sultan a thaobh mhinisteirean as na Stàitean a bha air an creachadh ann an Armenia. Tha an soitheach sin, thatar ag radh, a’ dol direach gu Constantinople, ni nach eil ceadaichte do shoithichean-cogaidh, agus ma chuinnear dragh sam bith orrre, tha cabhlach Bhreatunnach deiseil gus a tòrachd a thoirt a mach. Tha rioghachdan na Roinn-Eorpa aonaichte mu ’n chùis, agus cha’n eil fhios nach bi turus an t-soithich so na mheadhon air a chomhstri a tha dol air adhaot mc’n Tuirc a thoirt gu crich. Chaochail an t-Urr. Eidward W. Benson, Ard’ easbuig Chanterbury, an Sasuinn la na Sàbaid s’a chaidh. Bha e air aoidheachd aig Mr. Gladstone, ’na chaisteal ann a’ Hawarden agus chaid e chomla ris do’n eaglais. Am feadhh ’sa bha e na shuidhe ann an suidheachan Mhr. Ghladstone, beagan an deigh do’n t-seirbheis toiseachadh, thainig laigse air; chaidh a ghiulan a mach, agus mu chairteal gu da uair dheug chaochail e. Bha e tri fichead bliadhna ’sa seachd a dh-aois. Bha e ’na Ard-easbuig an Canterbury o chionn cheithir bliadhna deùg, agus bha coig mile deug punnd Sasunnach ’sa bhliadhna a tigh’nn a stigh dha. Chaidh soitheach de’n ainm “Ariande,” a bhristeadh air sgeir faisg air Ingonish a sheachdain gus am Di-ciaduinn s’a chaidh, agus deichnear dhe na daoine bh’air bòrd a bhathadh. Bhuinneadh an soitheach do Norway, agus bha i air a turus a Grianaig, an Alba, a’ dol gu Bay Verte a dh’iarraidh luchd fiodha. Bha i ochd seachdainean air a turus, agus cha do dh’èirich sgiorradh sam bith dhi, gu Di-luain an 5mh latha, nuair a thoisich an stoirm. ’Sa mhaduinn Di-ciaduinn bhuail i air an sgeir agus chaidh i fodha. Bha da dhuine dheug air bòrd, agus cha d’fhuair as le’m beatha ach dithis. Chaidh iad sin a sguabadh gu tir leìs na tuinn. Bhuineadh an sgiobair agus a chuid bu mho dhiubhsan a chaidh a bhàthadh còmhla ris, do Norway. Fhuaireadh cuirp an sgiobair a mheat agus aon dhe na seoladairean air a’ chladach, agus chaidh an tiodhlacadh aig acarsaid ’Ic Neill. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. AN CRANN TARA (Am Fiery Cross.) PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris:—$1.00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead gu T. D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal. [TD 110] [Vol. 5. No. 15. p. 6] SGEULACHD. Fionn an Tigh a’ Bhlair-Bhuidhe gun Chomas Eirigh no Suidhe. La dh’ an robh Fionn Mac Cumhail ’s a’ chuid eile de’n Fheinn anns a’ bheinn-sheilg, dh’eirich cur a’s cathadh; ’s mu’n d’ fhuair iad an t-sealg a chur cruinn, thainig an t-anmoch orra. Sgith, airtealath mar a bha iad, thog iad orra gu tearnadh gu baile. Mar a bha iad ag gabhail air an aghart gu trom, athaiseach, thainig iad air bothan fàs am bràighe glinne; agus ghabh iad gu tàmh ann. Dh’ fhadaidh iad teine ’s chaidh na gillean air surd gréidhidh; ’s gus am biodh an t-eunbhruich ullamh, thòisich iad air iomairt nan corn ’s air seanachas mu ’n àm bho shean. Chuir cuimhne air cliu an sinnsirean togail fothpa mar a b’ àbhaist; ’s thuirt iad uile cruinn-còmhluath, gu ’m b’ e mo thruaighe duine no beathach a thigeadh a chur dragh air an Fheinn an oidhche sin; no a theannadh ri tàir a thoirt do dh’ Fhionn. An teis-meadhoin na bruidhne so, thigear maigheach chaol, ruadh a stigh; agus, gun fhiamh, gun umhail, cuirear car no dhà dh’i air a’ chagailt, ’s togar an luath mu na sparran; agus thugar amach oirre. Ma thug cha deachaidh sin air mhithapadh dhaibhsan—thug iad daoidh-leum amach as a deaghaidh; ach chaidh iad ’n am bràth-cheo cho mor le dorchadas a thainig orra, ’s nach bu léir dhaibh a cheile. Lean Fionn ’s a dhà ghille dhiag i, a’ bhun ’s a lorg, thar gualainn a’ ghlinne, ’s cha do chaill iad sealladh oirre gus ’n a leum i stigh aig sgùid de thigh ùdlaidh a thachair orra aig bun sithein. ’D e an tigh o bha ’n so ach tigh “a’ Bhlair-Bhuidhe,” famhair a bha tighinn beo air tuirc nimhe ’s air feoil dhaoine. Rachar a stigh, a’s gabhar sgial ach cha d’ fhuaras forfhais air a’ mhaighich. Cha robh stigh ach a’ bhean ’s i fuineadh: cha d’ thainig am Blar-Buidhe dhachaidh as a’ bheinn-sheilg. Thug i biadh a’s deoch dhaibh, ’s thuirt i gu’m b’ fhearr dhaibh a nise bhi falbh mu ’n tigeadh am Blar-Buidhe dhachaidh. Thuirt Fionn nach do theich iad romh dhuine riabh, agus nach deanadh iad toiseach de ’n Bhlar; ’s theann iad na b’ fhaide stigh. Feith ri dheireadh, os’ a bhean. Mar a b’ fhior; cha d’ fhuair iad iad fhein a shocrachadh ach gann, tra a dh’ fhairich iad stùirn-stàirn aig an dorus; co bha ’n sid ach am Blar-Buidhe ’s a chuid ghillean, ’s torc-nimhe mor, fiaclach aigesan air a mhuin. Thug e crathadh beag mor air fhein a cur an t-sneachda dh’ e ’s chuir e crith fo ’n ursainn ’s fo shuidheachan an tighe! Tha mi faireachdainn fàilidh fharbhalach romham, a bhean, co so th’ agad a nochd, os’ am Blàr. Dh’ innis a bhean na h-aoidhean a thainig a choimheadachd oirre bho ’n a dh’ fhalbh e. Amach do ghillean, ’Fhinn, a thoirt na h-eallaiche dhiam os’ am Blar. Cha d’ thug Fionn an t-éuradh do dhuine riabh, agus cuirear sianar amach dhiubh far an robh am Blar. Mu’n gann a bha iad seach an stairsneach bhuail am Blar slat-na-druidheachd orra, ’s bha iad ’nan colbh-chloiche; ’s chuir e air taobh tuath an doruis iad a chur stad air a’ ghaoith-dheathaich. Dh’ fhag e ’n sin iad; ’s thug e fhein ’s a ghillean a stigh an torc. Cha d’ fhuirich iad ach ri robladh lomaidh a thoìrt air, ’s chuir a’ boean air e ’s a choire-mhor—’na chlosaich mar a bhà e. Mu ’n d’ fhuair e ach goil a’s leth-ghoil, sparr am Blar bior na feola ann, ’s bha e aig air an ùrlar; ’s gun tuille dàlach shuidh e fhein ’s a ghillean mu ’n cuairt da. Gach cnaimh mar a chreidhmeadh iad, thilgeadh iad sid gu Fionn ’s gu ghillean. B’ olc a’ bhiatachd é, ach cha robh comas air. Bha Fionn ’n a thosd ’s ’n a chuimhne, ’s b’ ion da sin. An uair a bha ’n ròic thairis, ’s cha b’ fhada h-uige, dh’ iarr am Blar-Buidhe an t-ubhal òir a thoirt a nuas gus an oidhche fhada gheamhraidh a chur seachad air Fionn. Thug i nuas an t-ubhal ’s thug i dhà e. Thòisich iad air a cheile leis an ubhal, ’s ma thòisich, cha b’ fhada gus ’n a chuir am Blar ás do ’n iomlan de ghillean Fhinn. Thuig am Blar nach deanadh e an gnothach air Fionn fhein leis an ubhal, ’s thuirt e gu’m feumadh iad dol a ghleachd. An dromannan a cheile gabhar iad; ach, ged a bhiodh iad fhathast ag gleachd, cha tugadh e glideachadh air Fionn. Tra chunnaic am Blar gu ’n do thachair a sheise ris, dh’ iarr e air a mhnaoi a’ ghreideal a chur air gus an rachadh casan Fhinn a gharadh, gur cinnte gu’n robh e fuar, ’s an oidhche chruaidh reòdhta bh’ ann; ’s dh’ iadh iad uile mu Fhionn (sin tra a thuirt e, “cha duine duine ’n a ònar”), agus sparr iad air a ghreideil e gus ’n a loisg a chasan gu ruig na sléisdean. Bha e nis gun chomas suidhe. Leig am Blar rochd gàire as, agus spàrr e stob-na-feola ann; ’s bha e ’n sin gun chomas éirigh no suidhe. Shaoil leis a Bhlar gu ’n robh e gun phlosg analach, ’s thilg e seachad ’s a’ chùil e. Cha robh Fionn riabh roimhe an gailc na bu mhò na so, ach, an uair a bha e eadar an t-éuradh ’s an aimbeairt, agus cuimhnichear e gu’n robh còrn-nam-fiùbh aige, ’s gu’n cluinnteadh e an coig choigean na h-Eireann. An uair a ghabh an tigh gu fois, mhàgair e mach gu dubh-balbh-sàmhach gu mullach cnuic a’s shéid e ’n còrn tri uairean. Fad an ama so bha chuid eile de ’n Fheinn gu dubhach, déurach air tòir Fhinn. Cha d’ fhàg iad cùil no cial gun sireadh, ’s iarraidh-mhairbh aca air. Mu dheireadh thall, an uair a thug iad géill a’s dubh-ghéill, chuala Diarmad donn mac a pheathar an còrn; ’s ma chuala cha bu rabhadh gun fhreagairt. Bha fhios aige gur h-eiginn-bhàis a bheireadh air Fionn a shéideadh. Thuig e gu’n robh an gnothuch gu h-olc; ’s thug e bòid a’s briathar air a chlaidheamh nach rachadh biadh no deoch thair ’anail gus an coibhreadh e air bràthair a mhàthair. Thog e air, e fhein ’s a ghillean ’s bu cham gach dìreach leotha thair chnoc a’s shloc, ’s ge b’ fhada bhuapa e, cha b’ fhada ’g a ruighinn iad. Fhuair iad Fionn n’ a dheòiridh truagh gun chomas éirigh no suidhe am fasgadh tuim, Dh’ fharraid Diarmad d’ e ciod a dh’ fhairich e. Is coma sin, osa Fionn; ’s dh’ innis e dha gach car mar a thachair: mar a mharbh am Blar-Buidhe na gillean, agus an droch ghiullachd a fhuair e fhein bhuaithe; ’s chomhairlich e tilleadh dhachaidh mu’n eireadh an cleas ciadna dha—gu’n robh esan mar a bhitheadh e co dhiubh. Bhòidich a’s bhriathraich Diarmad nach tilleadh e gus an d’ thugadh e mach an aichmheil; ’s gun tuilleadh a ràdh thug e tigh a’ Bhlair-Bhuidhe air. Cha robh stigh ach a’ bhean ’s i fuinneadh. Thug i biadh a’s deoch dhaibh ’s ghabh i an sgial Dh’ innis i dhaibh gu’n robh am Blar-Buidhe ’s a bheinn-sheilg, ’s gu ’m b’ fhearr dhaibh a bhi falbh mu’n tigeadh e dhachaidh mu’n éireadh dhaibh mar a dh’ éirich do Fhionn. A roghainn biodh dhà, osa Diarmad, ach cha ’n fhalbh sinn gus an toir sinn a mach an aichmheil; ’s shuidh iad a stigh. Feith ri dheireadh ma ta, os’ ise. Cha robh iad ach goirid mar sin tra a dh’ fhairich iad stùirn-stairn aig an dorus. Co bh’ ann an sid ach am Blar ’s a ghillean, ’s torc uimhe mòr fiaclach aige air a mhuin. Thug e togail bheag mhor air fhein a chrathadh an t-sneachda dh’ e, ’s chuir e crith fo ’n ursainn ’s fo shuidheachan an tighe. Ghlaodh e, “Tha mi faireachdain fàilidh fharbhalach romham, a bhean, co so th’ agad a nochd?” Dh’innis a bhean gu’n robh Diarmad ’s a chuid ghillean. “A mach do ghillean, a Dhiarmaid a thoirt dhiam na h-eallaiche,” os’ am Blar. Leum Diarmad e fhein amach; agus mu’n d’ fhairich am Blar thall no bhos e mharbh e n darna leth dh’ e ghillean ’s chuir e turrach air tharrach iad air taobh deas an doruis mu choinneamh gillean Fhinn. “Is olc an t-aoidh thu,” os’ am Blar. “Mur fhaic thu na ’s miosa na sid dhiam mu’n tig an latha, na bi gearan,” osa Diarmad; ’s gun tuilleadh bruidhne thug e stigh an torc. Ghréidh iad an torc gu math ’s gu ro mhath, ’s ghabh e fhein ’s a ghillean an leoir dh’ e. Gach cnaimh mar a lomadh iad thilgeadh iad sid do ’n Bhlar ’s dh’ a ghillean. “Is olc an t-aoidh thu, os’ an Blar. “Mur fhaic thu na ’s miosa na sid dhiam mu ’n tig an latha, na bi gearan,” o[?]a Diarmad; ’s dh’ iarr e an t-ubhal a thoirt a nuas gus an oidhche fhada gheamhraidh a chur seachad air a’ Bhlar-Bhuidhe. Thug a’ bhean a nuas an t-ubhal agus thoisich [?]an cleas. Air a’ chiad tilgeadh a thug Diarmad do ’n ubhal, mharbh e dithis de na bh’ air laimh dheis a’ bhlàir. “Is olc an t-a[?] thu,” os’ am Blar. “Mur fhaic thu na’s miosa na sid diam mu’n tig an latha, [?]a bi gearan,” osa Diarmad. Thilg am Blar air ais an t-ubhal ach cha d’ rinn e doc[?]unn sa bith air gillinn Dharmaid. Thug Diarmad an t-ath-thilgeadh do ’n ubhal s mharbh e dithis de na bh’ air laimh [?]hirth a Bhlair; agus mar sin gus ’n a mharbh e ’m fear mu dheireadh dhiubh; ’s am Blar gun aon tàmh ag radh; “Is olc an t-aoidh thu; agus amhuil sin Diarmad ’g a’ fhr[?]arairt, “Mur fhaic thu na ’s miosa na sid dh[?]am ma in tig an latha, na bi gearan.” An uair a bha iad sgith de [?]uith an ubhail or thutrt [TD 111] [Vol. 5. No. 15. p. 7] Diarmad ris a Bhlar gu’m b’ fhearr dhaibh dol a chur cuir gleachd; ’s ma chaidh, cha robh an gleachd fad air chumail an uair a bha am Blar air claisneach a dhroma air leacan loma an ùrlair. “Is olc an t-aoidh thu,” os am Blar, ’s thug e cnead ghointe ás. “Mur faic thu na ls miosa na sid diam mu ’n tig an latha na bi gearan,” osa Diaamad, ’s dh’ iarr e air a’ mhnaoi a’ ghreideal a chur air gus an rachadh casan a’ Bhlair a gharadh, gur cinnte gu’n robh e fuar an deigh tighinn dachaidh as a bheinn-sheilg. Chaidh a’ ghreideal a dhianamh dearg; ’s thug Diarmad togail do ’n Bhlar, ’s bha e sid ’n a sgug buidhe air a ghridil. “Oiteag, oit, oit” os’ am Blar. “Gabh air do shocair e” osa Diarmad, creanaidh do chnaimhean buidhe air mu’n cobhair mis’ ort,” ’s chum e air a’ ghreideil e gus ’n a loisg a chasan gu bun nan sléisdean. Bha am Blar a nise gun chomao suidhe agus ghrad-sparr Diarmad stob-na-feula ann, ’s bha e ’n sin gun chomas éirigh no suidhe ’s thilg e air a shlisnich ’s a’ chùil e. Tra a bha iad seachd sgìth de oiteagail a’ Bhlair, rug Diarmad air sprogan air, ’s thuirt e, “Am bàs air do mhuin, a bhodaich, ciod e d’ éiric? Am bàs air do mhuin, a bhodaich, ciod e d’ éric, a’s tog dhinn brigh do chluith.” “Oiteag, oit, oit,” os’ am Blar, cha’n ’eil a dh’ éiric agamsa ach cuach-ìocshlainta tha am bun na creige ud thall agus leighisidh i Fionn.” An uair a chuala Diarmad mu ’n chuaich, cha d’ fhuirich e ri tuilleadh chumhlaidhean iarraidh—bu ro fhada leis a bha bràthair a mhàthar ’g a chuaradh aig bun an tuim, ’s chaidh e do ’n uamha. Thugar a’ chiad làmh air a’ chuaich ’s buailear leatha gu Fionn, ’s ionnlaidear a chréuchdan leatha tri uairean. A’ chiad uair dh’ fhas a chasan gu ruig na glùinean; an darna h-uair dh’ fhàs iad gu ruig na h-aobruinn; ’s an treas uair bha Fionn gun chron, gun chiothram, cho beò slàn ’s a bha e riabh. Rìnn aon bhoiseag de dh’ uisge na cuaiche geasan nan gillean a bhristeadh, ’s thug e am Blar air. “A chulaidh-thruais,” osa Diarmad ris, “Boidich nach imir thu tuilleadh de gheasan no ’chleasan air an Fheinn.’ Bhòidich am Blar sid a’s ioma rud eile’ bharrachd; ’s thug Diarmad gu suairce dha fhein ’s dh’ a ghillean an diol a dh’ uisge na cuaiche, ’s ghabh iad an cead dh’ e chéile. A dheanamh sgiala goirid d’ e, lean a’ chuach ris an Fheinn, a’s dh’ fhàg mise aca i.—Revue Celtique, 1870. A Antigonish A MHIC-TALLA GHEADHAICH.—Ged dh’eirich fiabhras Aonghais gu math ard air aon turus fhuair e thairis e agus tha e ’n diugh cho slàn ri breac. Tha e gealltuinn gu’n cluinnear uaithe ré a gheamhraidh bho uair gu uair Tha “Comunn a’ Fhraoich” làn shuidhichte airson obair na bliadhna so. Tha ’n Céilidh agus an Class air a steidheachadh gu mor thoileachadh gach mac Gaidheil a tha ’nar measg. Tha sinn a’ cur romhainn deagh obair a dheanamh am bliadhna. Na dheigh so bithidh paipeir againn co-cheangailte ris an oil-thigh, agus se ’s ainm dha an Xaverian. Tha ’cheud àireamh air na stocan, agus tha dùil aig na gaisgich a leigeil gu cuan an taobh a stigh de sheachduin. AONGHAS. Oil-thigh Nmh. Francis Xavier, 14, 10, ’96. Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan Curraichdean, Leintean agus Brògan, aig D J. Domhnullach. Tha a bris iseal. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 112] [Vol. 5. No. 15. p. 8] Am Bal Gaidhealach. LEIS A’ BHARD MAC-GILLEAIN. Beagan bhliadhnaichean ’an deaghaidh do’n bhard tighinn do’n duthaich so, bha bal aig na Gaidhil an tigh Dhaibhidh Mhurraidh ’am Merigomish. Cha’n fhaodadh duine ’bhi aig a’ bhàl ach fear a labhradh Gaidhlig. Fhuair am bard cuireadh. Phaidh e gu math an luchd-cuiridh leir an òran so a sheinn aig a bhàl. LUINNEAG Bithibh aotrom ’s togaibh fonn, Cridheil sunndach gun ’bhì trom, ’G òl deoch slainte na bheil thall, Ann an tìr nam beann ’s nar gleanna. Fhuair mi sgeula tha leam bìnn, Dh’ùraìch gleus air tèud mo chinn, ’S bìdh mi nis a’ dol g’a sheinn, Ged ’tha mi ’s a’ choill ’am fallach. Bithibh aotrom, &c. Gur h-e’n sgeul a fhuair mi’n dràst, ’S a dhùisg m ’inntinn suas gu dàn, ’Bhi ga m iarraidh dh’ionnsaidh ’bhàil, ’Th’ aig na Gàidhil tùs an Earraich. ’Nuair a theid an Comunn cruinn, Bidh iad sìobhalta le lionn, Cliùiteach, ciallach, fialaidh, grinn, ’S bheir iad caoimhneas do dh-fhear-aineoil. Nuair a shuidheas iad mu’n bhòrd, Bheir iad tacan air an òl, ’S fiodhall-theud bho’n gleusar ceol, Cur nan oganach na’n deannaibh. Cha bhi sgrubaireachd mu’n chlàr, Ann an cuideachd ghasd’ mo ghraìdh, Aig am bheil an inntinn àrd, ’S nach gabh tàmailt bho na Gallaibh. Nuair a theìd an fhiodh’ll na ’tàmh, Bheir iad treis air cainnt nam bàrd, ’Dhùisgeas fsnn neo-throm na’n càil, Anns a’ Ghàidhlig is glan gearradh. ’Chànain ghasda, bhlasda, bhinn, ’S i ’bha’n cleachdadh aig na suinn A dhearbh an gaisg’ ’am feachd an righ, ’S ioma tìr ’s an d’ thug iad deannal. Luchd nam breacan cha robh fann, Bha iad fuasgailteach ’s gach am; ’Nuair a ghluaìseadh iad bho’n champ’ Chuirte’ ’n ruaig ’s bu teann an leanachd. ’S ann ac’ fhein tha ’n t-èideadh grinn; Breacan-guaille, féileadh cuim, Osan gèarr mu’n chalpa chruinn, ’S boineid ghorm os cionn na mala. Stàillinn ghlas mar ealtainn gìar, ’Chleachdadh anns na baiteil riabh, Leis na gaisgich nach tàis fiamh, ’S nach biodh riamalach gu tarrainn. Bha iad firinneach gun fhoill, N’a àm doll sios ’us piob ga ’seinn, Ruisgte’ brataichean ri croinn Aig na saighdearan nach mealladh. ’S bhon a chinn sibh fèin bho’n dream, ’Dh’araicheadh fo sgèith nam beann, ’Bhuannaich anns an Eiphit geall ’S a chuir Frangaich as an t-sealladh; Ged tha sibh an tir nan craohh, Cuimhnichibh am béus, na laoich, Leoghainn bhorb, bu fhairge fraoch, ’S iad nach aomadh as a’ charraid. Ged tha sibh ’an Albainn Ur, Caithibh an oidhche le sunnd, ’S an deoch-slàinte thig air tùs Olaibh i gu grunnd gu fearail. Olaibh air a Ghàidhil thréun, ’Rachadh acfhuinneach air ghléus, ’S a tha fuasgailteach gu féum, Sealgairean air feidh nam beanna. Soiridh bhuam do’n t-sluagh a null, ’Tha ’s an tir ’s an robh mi ’n tùs; ’S tric a dh’ fheuch iad bàt fo shiùil, ’S iad ga ’stiùireadh dh’ionnsuidh cala. Bho’n nach ruig sinn orra ’n dràst, Lion bho ’grunnd a’ chuach, gu ’stràc, ’S cuir mu’n cuairt i nuas gun dàil, Ann an onoir àird nam feara A. M‘L. S. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh, Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. REIC AODAICH A’s mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh. A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct. Tha mi ’n deigh stoc anabarrach mor de dh’ Aodaichean Deante a cheannach bho na taighean a’s fhearr an Canada, air pris cho iseal ’s gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu, Cho saor ’sa dh’ iarradh tu. Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caite ’m bheil sinn. Anns an stor a tha ’n aon tigh ais a’ Bhanca. D. J. DOMHNULLACH. [TD 113] [Vol. 5. No. 16. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 24, 1896. No. 16 Litir a Ontario. Cha’n eil fonn uamhasach math orm air an oidhche nochd air son sgriobhaidh, ach mar a thuirt fear roimhe, gabhaidh fonn cur orm. Bha romham air an turus so beagan a radh mu chleachdaidhean nan Gaidheal, agus cha’n eil fhios agam nach bu cho math dhomh leìgeil leis, ach coma co-dhiu bheir mi dhuibh mar is fios domh. Tha mi cinnteach gu feum mi sgriob a thoirt do’n t-seann dùthaich mu’n sguir mi, ged nach eil fhios again ciamar a ni mi an rathad do àite anns nach robh mi riamh—thainig m’ athair ’s mo mhàthair a mach as an eilean Mhuileach deich bliadhna mu’n d’rugadh mi. Thainig moran Ghaidheal a mach comhla riuth, agus shuidhich moran dhe na bha air an aon soitheach riutha ann an Ceap Breatuinn. Thug iad tri mìosan eadar Muile agus Toronto, astar a nithear anns na bliadhnaichean so ri deich latha. Tha againn anns an [?] Ileich, Tiristich, Muilich, Uidhistich, Aranaich, agus moran eile. Tha mi smaoineachadh nach eil seòrsa ann a tha cho mi-chaoimhneil ri cheile ris na Muilich, ged is duilich leam ri radh e. Faodaidh e bhi gur h-e ’s coireach ri sin gu bheil iad na’s pailte ann an so na muinntir eilean sam bith eile. Is Protstanaich a chuid mhor, ach a mhàin muinntir Uidhist; Is Caitlicich a chuid a’s motha dhiubhsan, daoine còire, fialaidh, nach leigeadh le duine falbh gun fhaoighneachd dheth an robh an t-acras air. A chuid eile dhinn, tha sinn air ar roinn eadar Cléirich, Baistich us Deisciobuil. ’S ann gle ainneamh a gheibhear Gàidheal na Mhethodach; cha’n eil moran dhiubh an so co-dhiu. Cha’n eil a bheag de na seana chleachdaidhean a bha ’measg nan Gàidheal anns an t-seann dùthaich air an cumail suas anns an dùthaich so. Air latha Nollaig bhiodh beag us mor, bho sheanair liath nan ceithir fichead bliadhna gus an leanach bhig air am faotainn a mach ag iomain chaman, agus ’s iomadh bodach gòrach a chuireadh an caman thairis air an fhear a bhiodh ’na aghaidh, nam biodh e faotainn a chuid a b’ fhearr de’n chamanachd. ’S iomadh sabaid mhor a bhiodh aca mu’m biodh a chluich reidh, agus bhiodh moran a dol dhachaìdh le cinn ghoirte ’san oidhche. Bha chleachdadh aig na Gàidheil, nuair a thigeadh bàs do theaghlach, gu sonruichte ma ’se seann duine a bheireadh e leis, a bhi giulan buideal de dh’ uisge beatha dh’ ionnsaidh an ait-adhlacaidh. Chumadh am buideal sin suas ri ochd gallain, agus gle thric bhiodhte moran na bu chùramaiche mu ghiulan na bhiodhte mu ghiulan a’ chuirp a bha anns a chiste-mhairbh. ’S iomadh deoch-slàinte rachadh òl mu’n ruigte ’n uaigh, agus mu’n tilleadh iad bhiodh fear us fear dhiubh na shineadh air an daoraich. Chuala mi seann duine, a tha nise ’na dhachaidh bhuan, ag innse sgeul mu thòradh a bha ann an aon de na h-eileanan, agus chaidh a mhuinntir a bha giùlan a chuirp bhar a cheile; rinn iad sabaid mhor agus ’san iorghuil a bh’ aca, bhrist iad am bord-uachdair bhar na ciste, a leigeil a’ chuirp a mach air an làn. Agus tha mi lan chreidsinn nach ann aon uair no an aon àite a thachair a leithid. IAIN MAC ’ILLEASBUIG (Ri Leantuinn.) Stampaichean Litreach. Tha ’n sgeul mu ’n dòigh air an d’thainig stampaichean-litreach gu bhi air an cleachdadh cha mhor cho math ri sgeulachd. Cha’n eil fhathast tri fichead bliadhna o’n chaidh an cur am feum an toiseach, agus b’e ’n duine ainmeil sin Rowland Hill a chuir mu dheibhinn. Bha e aon latha a’ dol troimh sgireachd àraidh an ceann a tuath Shasuinn, agus air dha taghal aig tigh-òida bha ’n sin, chunnaic e am posta stad a toirt seachad litir a bh’ aige do nighinn òig a bha ’san tigh. Thainig an nighean a mach, ghabh i an litir as a laimh, thug i sùil oirre, agus dh’fheòraich i gu de uiread ’sa bha ri phàigheadh. Thuirt am posta gu robh tasdan, suim airgid a bha moran na bu luachmhoire ’san àm sin na tha e ’n diugh. Rinn an nighean osna thùrsach, agus thuirt i gur ann o bràthair a bha ’n litir, ach nach robh airgead aice gu ’phàigheadh, agus shin i an litir air ais. Ghabh Rowland Hill, an duine còir, a leithid a thruas dh’i ’s gu’n do phaigh e ’n tasdan air a son, ’s thug e dh’i an litir. Ach mu’n gann a thionndaidh am posta a chul rithe dh’ aidich an nighean do Mhr. Hill nach robh ann ach cleas a bha eadar i fhéin ’sa bràthair. Bha comharraidhean air còmhdach na litreach ag innse na bha i air son fhaotainn a mach, agus cha robh sgriobhadh sam bith ’na broinn. “Tha sinn le chéile cho bochd,” ars ise, “’s rinn sinn an dòigh so air cluinntinn bho chéile gun dad a phàigheadh.” ’Nuair a dh’fhalbh Rowland Hill air a thurus, chuir e a’ cheist ris fhéin an robh e ceart a bhi ruith Postachd na rioghachd air dòigh a cheadaicheadh a leithid sid de mhealltaireachd. Mu’n deach a’ ghrian fodha bha e ’n deigh a dheanamh suas ’na inntinn gu’m biodh a Phostachd an ùine ghoirid air a suidheachadh air steidh ùr, agus rinneadh sin. Anns a bhliadhna 1839 chaidh faradh litir isleachadh gu sgillinn, agus bha sin ri phaigheadh mu’n cuirte air falbh i. Cha’n eil an stamp ach a mhàin a’ sealltuinn gu bheil faradh na litreach air a phàigheadh. Cha’n aithne dhuinn gu bheil rioghachd no dùthaich air an t-saoghal a nise nach eil ’gan cleachdadh. Tha ’n nighean bheag, Dutcher, a bha air a leonadh gu dona nuair a chaidh a mathair ’sa bràthair a mhort faisg air Moncton, N. B., a nise dol gu math na’s fhearr, agus ma leanas i mar sin cha’n fhada gus am bi i comasach air fianuis a thoirt mu na thachair. Tha i ann an tigh nam bochd, agus thatar ag radh gu’n d’ thugadh ionnsuidh air a goid as o chionn ghoirid. Tha Sullivan air a chumail anns a’phriosan gus am bi an nighean comasach air fianuis a thoirt seachad. Bha seann duine còir ann an Alba uair agus air dha bhi faireachdain droch straighlich air feadh an taighe, chaidh e far an robh am ministeir feuch ciod a ghabhadh deanamh gus an droch-fhear, mar a shaoil leis, a chumail air falbh. “A dhuine,” ars am ministeir, “am bheil thusa cho faoin ’s gu bheil thu ’n dùil nach eil dad aig Prionnsa Cumhachd an Adhair ri dheanamh ach a bhi bùrach am measg nan seann draighnichean a th’ agadsa air an labntaìdh?” B’ àirde an luath na lasair. B’ e naigheachd mhòr am baile beag e. B’ e an t-srathair an àite na diollaid e. B’ e sin a’ chlach an ionad na càbaig e. B’ e freiteach a’ bhàird ris a’ chaisteal e. B’ e earbsadh gnothuich ri droch ghille e. B’ e an cat ’ga thoirt an aghaidh a’ chuilg e. B’ e saoradh air ceann a’ choin bhradaich e. B’ e an crochadair a buain croiche dha fhein e. B’ e deoch do fhear am mullach na h-àtha s i na teine e. B’ e ionnlaid drabhaig a’ dol na chrò chaorach e. B’ e mart nam beannachd ’s a’ chliabh, mart na mallachd air an t-sliabh. [TD 114] [Vol. 5. No. 16. p. 2] ROB DONN. (Air a leantuinn.) Ann an aon ni, is e mo bheachd gu’n toir Rob Donn barr air ar Baird Ghaidhealach uile gu leir—anns na linnibh deireannach so co-dhiu. A mach o Oisean, saoilidh mi nach eil Bard Gaidhealach againn aig an robh beachd cho cothromach air oifig no dreuchd a’ Bhaird ri Rob Donn. Cha’n ’eil mi ag iomradh air Ughdair nan Laoidhean Gaidhealach ann a chunntas so. Ann am fior bhrigh an fhocail is gann a thoilleadh Ughdair nan Laoidhean Gaidhealach ainm Baird. Bha iad gu leir ’nan searmonaichean agus ghabh iad cothrom air baigh nan Gaidheal ri rann agus ri ceol a chum nam firinnean a bha iad a teagasg ’nan searmoinean a chur ann an rann a los gu’n eisdeadh an sluagh riu na bu durachdaiche. Cha robh iad ’nam Baird ach, mar gum b’ann, le tuiteamas. Bha iad ’nan luchd-teagaisg, ach b’e brigh an teagaisg an Soisgeul a mhain. Ach a mach o Rob Donn is gann is aithne dhomh aon d’ar Baird ainmeil Ghaidhealach aig an robh beachd cothromach air a dhreuchd mar Bhard. Cha do ghleidh Rob Donn fein an comhnuidh fa chomhair a dhleasdanas mar fhear-teagaisg d’a shluagh. Ghabh e gnothuch air uairean ri nithean a bu choir dh’a sheachnadh. Rinn e culaidh-mhagaidh de chuid nach do thoill spid no fanoid. Cha do thagh e chainnt an comhnuidh mar a dh’fhaodadh e. Cha do ghabh e uiread dragh r’a orain agus a bu choir dh’a. Ach ged bha e an ann doigh no dhà an deigh-laimh, saoilidh mi gu’n robh beachd fior aige air a dhreuchd fein agus air a dhleasdanas mar fhear-teagaisg. Mar nach tric a thachair ghabh muinntir a dhuthcha fein ris an uair a thainig e d’an ionnsuidh. Thug iad urram dh’a a bha comharraichte. Ma dh’fhaodte gu’n d’thugadh an t-urram so so dh’a le cuid bho eagal roimh a theangaidh sgoilte, agus le cuid eile bho thlachd d’a fein agus d’a dhoigh; ach cha’n ’eil teagamh nach d’fhuair agus nach do thoill e urram bho árd agus bho iosal airson nam feartan inntinn oirdhearc a bhuileachadh air agus an doigh fhior, chothromach anns an do chleachd e iad. Bha beachd Rob Dhuinn mu thimchioll ciod a bha ceart no cearr ann an cleachdadh, ceutach no mi-cheutach ann an giulan, glan no salach ann an cainnt, ma dh’fhaodte dealaichte o’d’ bheachd-sa agus o’m’ bheachdsa. Ach ni sinne gu maith ma ghleidheas sinn, ’nar teagasg agus ’nar n-eisempleir, cho dlù air an ni a tha ceart a reir ar beachd fein. Tha mi meas, ma tha, gu bheil fior luach dhuinne an diugh ann am beatha agus ann an saothair an duine so, seachad uile gu leir air maise no mi-mhaise a’ chuid rann. Thainig e d’a dhuthaich gun ordugn Righ no Cleir a’ creidsinn gun robh aige-san teachdaireachd r’a liobhairt do’n t-sluagh. Shuidh e ’na bhreitheamh air giulan agus air cleachduin a luchd-duthcha, eadar ard agus iosal, bhochd agus bheartach. Cha robh ni d’an cuisean ris nach do ghabh e, air aon doigh no doigh eile, gnothuch. Cha robh inbhe ach iosal. Cha robh cairdean no storas aige. Cha robh do chul-taice aige ach a bhuaidhean àrd fein; agus nadur fosgailte, firinneach, neo-sgathach. An aite a dhi ’na phlaigh anns an duthaich, dh’fhas e ’na fhior chumhachd innte air taobh firinn, ceartas, agus deadh-bheus os cionn gach Ministeir agus Moraire a bha iad ann. Chaidh aige air so a dheanamh le thalantan a bha lionmhor a chur bu buil mhaith. Bha e creidsinn gun robh dleasdanas air a feagair air na buaidhean a bhuineadh dh’a a chaitheadh air taobh firinn, ceartas agus coir, agus an aghaidh foirneart, foill, agus eucoir ’na latha agus ’na dhuthaich fein. Chaidh e gun teagamh air uairean clì. Ach sheas e thar cheann cho duineil re a bheatha ri firinn, a reir a sholuis fein, agus gu’n do bhuidhinn e cliu agus meas a luchd duthcha fein. Chuir e e fein an ceill mar fhear-teagaisg firinneach—’na dhoigh fein fior shearmonaiche fireantachd—agus thug e air an t-sluagh gabhail ris mar aon agus creidsinn ann. Cha’n aithne dhomh aon da’r Baird Ghaidhealach a ghabh a leithid so de dhleasdanas air fein; agus cha’n aithne dhomh aon ainmeil dhiu ach Dughall Buchannan d’an tigeadh e a ghabhail. Tha e tuillidh is fior mu mhoran diu nach ann air taobh firinn no coir a bha aon chuid am beatha no an teagasg. Dh’fhag Mac-Mhaighstir-Alastair agus Donnachadh Ban Mac-an-t-Saoir Bardachd ’nan deigh a bheir toilinntinn do mhoran Ghaidheal nach faigh ach beagan blas air Orain Rob Dhuinn. Bha gibhtean Bardail aig an dà dhuine dealaichte bho Rob Donn—gibhtean ma dh’fhaodte a b’airde na a ghibhtean-sa. Tha iad fein agus sinne cho fortanach agus gu’n do sheinn iad mar bu trice mu aillidheachd a chruthachaidh agus gu’n do sheachain iad cuisean an coimhearsnaich. Bhiodh an cliù na b’airde na seachnadh iad cuisean an coimhearsnaich an comhnnidh. A reir coltais cha b’urrainn doibh ach a bhi moladh no caineadh; agus cha b’urrainn doibh moladh no caineadh ach a reir mar a bha tlachd no fuath aca fein. Is e cliù Rob Dhuinn gu’n do ghabh e mar a steigh cuisean agus gnothuichean a latha agus a dhuthcha fein; agus gu’n do sheinn e mu’n deibhinn gun mi-thlachd a chur ach air na h-eucoraich a mhain. Feudaidh e bhi gu’n abair cuid gu’n do dhearbh Rob Donn isle bhuaidhean leis na steighean a thagh e. Cha’n ’eil mi de’n bheachd so. Tba mi meas gur airidh cuisean an t-sluaigh—an aighear agus am bron, an gaol agus am fuath—air an seinn cho maith ri doighean fhiadh agus dath bheanntan, A dh’aon ni b’e gnothuichean a chairdean agus a choimhearsnaich steigh Rob Dhuinn. Ann a bhi g’a seinn dh’ardaich e dhreuchd agus chuir e urram air cho maith ri ach beaga d’ar Baird Ghaidhealach, agus cha d’thug e idir masladh air mar a rinn moran diu. Cha’n ’eil mi ro chinnteach an d’iunnsaich na Gaidheil no luchd-duthcha Rob Dhuinn fein gu ro mhaith an leasan a tha a bheatha agus a Bhardachd cho soilleir a’ teagasg. Cha’n ’eil cearn de’n Ghaidhealtachd air a bheil sinn cho eolach ceud bliadhna roimhe so agus a tha sinn air Duthaich-’Ic-Aoidh bho orain Rob Dhuinn. Cluinnidh sinn gu tric, agus tha sinn gu tric a’ creidsinn, gu’n robh daoine an là ud na bu chairdeile, na bu chaoimhneile, na b’fhirinniche, na bu bheusaiche, na bu chrabhaiche agus na bu chomh-fhurtachaile na daoine ar latha-ne. Tha eagal orm gu bheil sinn ann an tomhas mor g’ar mealladh fein anns na cuisean so. Tha sinn ro dheas gu bhi cur barrachd luach air an tìm a bh’ann o shean na thoilleas i. A reir cuntais Rob Dhuinn saoilidh mi nach robh muinntir, Dhuthaich-’Ic-Aoidh a bheag air thoiseach air mar tha iad an diugh. Cha robh Goill no caoraich mhaola aca. Bha uaislean na duthcha a’ fuireach innte. Ach cha’n fhaic mi gu’n robh cairdeas no caoimhneas no firinn a bheag na b’airde ’nam measg na a shaoileas mi a tha iad fathast. Ma bha an sluagh na bu chrabhaiche no na bu naomha anns an àm ud, is ann air doigh nach tuigear gu ro mhaith an diugh. Bha Rob Donn ’na fhoirfeach anns an Eaglais agus ’na chompanach aìg na Ministeirean a b’ainmeile anns an aite. C’aite a’ bheil Seisein anns na tri Siorrachdan a ghabhadh ’na fhoirfeach an diugh e, no Ministeir a dh’aideachadh d’a shluagh gu’m b’e chleachduin a bhi leughadh a chuid oran?—D. McK. ’sa Gaidheal. NEW ZEALAND. Tha na duthchannan so gle iongantach. Tha moran de nithean annta tha calg-dhireach an aghaidh mar tha iad ann an duthchannan eile. Tha ’n duthaich so agus Astralia a’ dol fo’n ainm antipodes, facal a tha ciallachadh a bhi “direach an aghaidh.” Tha duilleach nan craobh gorm na h-uile latha dhe’n bhliadhna, agus cha’n eil craobh gun bhlath agus gun mheas is fhiach ithe. Tha seudar agus fiodh luachmhor eile ’ga losgadh air son connaidh. Tha’n eala dubh, agus tha ian eile ann air am bheil fionnadh mar ghabhar an ann àite itean. Cha’n eil air ach sgiathan goirid leis nach urrainn da itealaich, ach a tha deanamh cuideachadh leis ann an coiseachd. Ann an Astralia tha beothach ceithir-chasach air am bheil gob tunnaig, agus a bhios a breith uibhean. Anns an dùthaich so leumaidh an t-iasg a stigh do’n bhàta le’n toil féin, rud a tha gle iongantach. Bha fear Mac Leòid anns na bliadhnaichean a chaidh seachad a feuchainn ri daoine fhaighinn gu tigh’n do’n dùthaich sa air an t-soitheach aige. Bha e ann an St. Ann ’s, agus am measg na h-uile ni eile bha e ’g innse a’ moladh na tire, dh’ innis e mu ’n iasg so. Chaidh a bhreug a thoirt da an clar an aodainn, agus air eagal gu’n deanar an ni ceudna riumsa, feumaidh mi tuilleadh a radh mu iasg na dùthcha so. An t-iasg àraid so, ’se mullet a theirear ris. [TD 115] [Vol. 5. No. 16. p. 3] Tha a leithid cumanta ann am Breatuinn. Tha e toirt leum mar am bradan; tha e ’dol suas aimhnichean leis a mhuir làn air son cladh. Tha na h-aimhnichean a’ ruith astar fada troimh àiteachan iseal, gus an ruig iad bonn nan cnoc. ’Nuair a tha ’n làn-mara dol air ais, tha ’n t-iasg gu grad a tilleadh gu uisge domhain. Theid am bàta (air a dheanamh air aon mhaide) a chur tarsuinn an amhuinn aig àite ’s an ruig e bho thaobh gu taobh. Theid a dheanamh trom gus am bi a bheul direach aig uachdar an uisge. Tha an t-iasg a ruith sios an amhuinn gu bras; tha na h-iasgairean a bualadh a bhàta le slacain; theid an t-iasg ’na chabhaig; ni e oidhearp air leum thairis, ach ’s ann a thuiteas e anns a’ bhàta. Tachraidh sin do fhear an deigh fir dhiubh, gus am bi am bàta làn. Faodaidh na leughadairean m’ fhacal a ghabhail gur h-i an fhirinn a tha mi ’g innse; mur a creid iad mi cha sgriobh mi facal tuilleadh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA! Tha am mullet mu mheud an rionnaich, agus gle fhreagarrach air son a dheanamh suas ann an stain (tin). Tha e cho math air an dòigh sin ris a bhradan. Thatar ’ga ghlacadh mar an ceudna le linn a bhios mu thri òirlich gu leth, agus uaireannan ceithir òirlich anns a mhogul. Mar a’s trice tha ’n lion air a chur air a’ ghrunnd, le pailteas luaidhe an ceangal ris gus a chumail fodha, agus beagan àrca a chumas na sheasamh e air son cumail an éisg. Tha aon ni comharraìchte thaobh iasg na dùthcha so; tha na cnamhan anabarrach garbh. ’Se ’s aobhar d’a sin gu bheil moran a bharrachd de dh’ aol, de mhagnesia, ’s de nithean eile tha deanamh suas nan cnàmh, anns an uisge shailte an so na tha ann ’s na dùthchannan ’s am bheil sibhse. Air son an aobhair cheudna, tha na sligean ’s na faochagan a’ fas gle mhor. Tha iasg eile ann air an d’ thug Caiptean Cook bream mar ainm, air dha bhi coltach ri iasg a tha mar sin air ainmeachadh. ’Se ’n t-ainm a thug na Dùidsich air, schnapper, an t-ainm a tha leantuinn ris. Tha e na iasg a tha gle phailt, ach cha’n eil e idir reamhar. Tha e air a ghréidheadh mar an trosg; ’se n aon samhuil a th’ aig an trosg anns an dùthaich so. Cha’n eil e idir coltach ann an cumadh ris an trosg chaomh. Tha itean biorach air feadh an droma aige, agus lannan air cuid dhiubh cho mor ri bonn tasdain. Tha e duilich a laimhseachadh gun bhi gle fhaiceallach air na h-itean biorach aige. Tha ’m beul beag, agus tha carbad aige tha anabarrach làidir. Chithear e air latha ciùin ann an uisge eu-domhain le shron a cladhach na gainmhich mar a mhuc a sireadh fhaochagan beaga cruaidhe, a tha e ag itheadh. Tha tuilleadh agam ri innse mu’n iasg so, mar a bhithear ’ga chur gu féill, agus nithean eile, ach feumaidh mi sin a leigeil seachad gu àm eile. Tha iasg eile anns an dùthaich so ris an can na Maoirich whapuka no hapuka. Tha an t-iasg so mor, garbh, cutach, agus bronnach, mu leth-cheud punnd, agus air uaireanan cho àrd ri ceud punnd air cudthrom. Tha e air a ghlacadh an uisge domhain, an àiteachan àraidh mu thimchioll chreagan, agus far am bheil grunnd garbh. Laidhidh e gun gun ghluasàd air uachdar an uisge; ma tha ’m bata beag faodar a cheangal air sreing gus an tig an t-àm gu falbh dhachaidh. Tha e gle mhath ri ithe ’nuair a tha e ùr; tha ’n ceann aige tiugh, reamhar, agus tha moran gle mhiannach air, ’s cuiridh iad seachad am biadh is fearr gu bhi air ithe leis. Tha an t-iasg so air a ghlacadh air son feum cuid; cha’n eil e na iasg air am bheil féill mhor sam bith. Tha seòrsa de ghiomach (craw fish) an so gle phailt. Tha e dh’ easbhuidh an dà spòig mhoir, ach tha e coltach ris a’ ghiomach anns gach dòigh eile. Feumar a chur dh’ an phoit beò, neo theid e dholaidh gun dàil. Tha e air a ghiulan ann an cliabhan us feàmainn fhluch air a chumail uime, dh’ ionnsuidh a’ mharsanta. Tha esan ’ga bhruich agus ’ga reic a mach mar sin. Cha’n eil e freagarrach air son a chur suas ann an stain mar tha ’n giomach. ’S mor am beud sin, oir tha am pailteas ann dhe. Tha e ri fhaotainn anns an uisge ùr cuideachd. Tha an easgann an so gu lionmhor anns a h-uile poll, mòinteach, agus aite fliuch air an tigear tarsuinn. Bha dine ’g radh uair gur i so an dùthaich a’s fearr a th’ air an t-saoghal, a chionn gu’m faighear am buntata ’s an t-iasg air an aon raon, ni a tha gun teagamh fior. Tha ’n abhainneach ri fhaotainn an tuill dhomhain anns am bi uisge sàmhach. Le udh grod air a bhristeadh, bainne, cobhar siabuinn, no fuil a dhortadh air an uisge, thig gu uachdaran uisge. Cha’n eil muirgheadh aca an so idir, agus bithear a glacadh an eisg le dubhan. An tràigh na mara chithear an lorg aice troimh ’n làthaich, agus le sin a leantuinn, theid a cladhach a mach le slusaid. Tha cuid diu anabarrach mor. Chaidh te a ghlacadh faisg air a so, a bha ceithir fichead puund a chudthrom. Bha i ann an dig ’san robh beagan uisge, agus chaidh a marbhadh le gath biorach iarruinn. Tha iad blasda ri ’n ithe, agus ’nan deagh amhlan le biadh, ach an deigh in tha sgreamh mor aig feadhain nan aghaidh. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsdain, 2, 8, ’96. CARN NAN DRUIDHEAN. [Tha sinn a toirt ’na leanas á àireamh de’n “Ghaidheal” a thainig a mach ’sa bhliadhna 1873. Bha e air a sgriobhadh le Iain Caimbeul, bàrd na Leideig. Theagamh nach misde le ar leughadairean fhaicinn an deigh na leugh iad mu na Druidhean seachdain no dha air ais.] A CHARAID IONMHUINN,—Tha mi an deigh ur paipear a chur as mo laimh, anns an robh mi ’leughadh mu sheann chleachdainnean nan Druidhean, agus smaointich mi nach bu mhisde le cuid d’ ur leughadairean iomradh a chluinntinn air aon de na cuirn aca, a chaidh fhosgladh anns an aite so o chionn ghoirid. Tha mi am barail gur e an carn so carn a bu mho an Albainn. Thachair gur mise a’ cheud neach a chaidh sios ann, ’s e is docha leam, o chionn corr agus da mhile bliadhna. Thachair do dhuin-uasal’ d’ an ainm Dr Smith á Manchester, a bhi air chuairt an so agus bha ’aire air a tarruing a dh’ ionnsaidh a’ chuirn, oir tha e a’ cur uidh mhoir ann an rannsachadh a mach ni sam bith a dh’ fhaodas solus a thilgeadh air seann chleachdainnean ar sinnsearachd. Fhuair e cead o’ n uachdaran, Caimbeulach Loch-nan-eala, an carn fhosgladh. Chuir e da dhuine ’n a thaice agus thug iad dluth air seachdain a’ cladhach m’an do rainig iad an t-iochdar, ach an uair a rainig iad e, agus a fhuair iad an ceann-saor, bha Dr. Smith air a dheagh phaigheadh airson a dhragh agus a chostais. Thachair dhomhsa a bhi ’n a chuideachd, comhladh ri aon no dha eile, an uair a chaidh clach a thogail, a leig ris dhuinn gu h-iosal fodhainn uamh no seomar mor, dorcha. Chaidh coinneal fhaotainn agus a feuchainn a sios an toiseach, dh’ fheuch an robh an t-adhar glan. An uair a chunnaig sinn gu’n robh, chaidh mise a sios do’n uaimh agus cha’n urrainn domh innseadh na faireachdainnean a bha agam an uair a rainig mi sios,—am sheasamh anns an aite a chaidh a dhunadh a suas o chionn, mar a thuirt mi cheana, ma dh’ fhaoidte corr agus da mhile bliadhna! Bha sreath de chlachan mora air gach taobh a’ deanamh balla an t-seomair, agus cha’n eil fios aig mac duine ciamar a chaidh an leithid a ghiulan ann. Os an cionn so bha sreath eile de chlachan a cheart cho mor, ach mu thuaiream oirlich no dha na b’ fhaide stigh, agus air oir nan clachan mora a b’ isle bha sreath de chlachan beaga mu mheudachd uibhead chalamain ’s a’ h-uile aon diubh cho geal ri sneachd aon oidhche. Bha an t-aite cho aitidh a’s gu’n robh driuchd fliuch orra, agus le solus na coinnle bha iad a’ dearsadh mar dhaoimean. Bha da chuach no miasan de chreadh air an urlar—aon air an an taobh an iar agus aon air an taobh an ear d’ an t-seomar. Os cionn nan cuach bha da chloìch ghil a’ beantainn ri ’cheile—bha cach beagan oirleach o’ cheile—agus bha clach bheag anns gach cuach. Bha am mullach air a chlachaireachd beagan a stigh, agus leac ’g a chomhdach. Is e an ceann a b’ fhraide stigh a chaidh fhosgladh an toiseach, agus bha e mar a bha na taobhan air a dhunadh le clachan mora. Aig a’ cheann eile, bha da chloich ’nan seasamh mar charraighean, a deanamh mar gu’m b’eadh da ursann; clach coltach ri cluasag ’na sineadh eadar an da ursann so; trannsa caol, iosal a dh’ fheumadh neach dol troimhe air a mhagan, agus an sin seomar eile mar a chiad fhear. Bha ciaradh na h-oidhche ann an uair a chaidh an earn fhosglabh, agus cha robh mi tri mionaidean air tighinn a nios ’n uair a charaich aon de na clachan air an taobh a mach, agus a thuit na tunnachan salchair a dhuin suas am fosgladh, agus mur bithinn a mach ’s an am, is ann leis na Druidhean a chuir mi seachad an oidhche. [TD 116] [Vol. 5. No. 16. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI. OOTOBER 24, 1896. Tha Iompaire Ruisia agus a Bhan-Iompaire, air a dhol dhachaidh an deigh dhaibh céilidh ghoirid a dheanamh ann am Breatuinn agus anns a’ Fhraing. Ghabh iad an gnothuch gle shocair ann am Breatuinn; cha robh iad ach ann an Gàidhealtachd na h-Alba, far an robh a Bhan-righ a’ deanamh a dachaidh aig an àm. Ach anns an Fhraing chuireadh fàilte orra le greadhnachas mor, agus rinn an luchd-riaghlaidh ’s an sluagh othail gu leòr riutha; cha b’ urrainn daibh tuilleadh ’sa chòir a dh’ urram a chur orra. Tha e car iongantach ri fhaicinn an dlùthchàirdeas a tha Ruisia ’s an Fhraing a nochdadh dh’a chéile, agus cho calg-dhireach an aghaidh a cheile ’sa tha an doighean-riaghlaidh. Anns an Fhraing, cha’n eil righ no iompaire aca, ach tha riaghladh gach ni an lamhan an t-sluaigh. Ann an Ruisia, tha gach cumhachd air fhàgail aig an Iompaire; cha’n eil guth no lamh aig an t-sluagh ann an riaghladh na dùthcha, ach a mhàin deanamh mar a dh’ iarras esan. Cha bu bhuidhe do’n duine chomhairlicheadh do na Frangaich righ no Iompaire a chur os an ceann, ach ’nuair a thig iompaire Ruisia g’an ionnsuidh, an aon fhear a’s motha cumhachd thairis air a chuid iochdaran am measg uile righrean na Roinn-Eorpa, ni iad uiread toileachaidh ris ’s ged bu leotha fhein e. Tha sinn an dòchas gu’n dean ar leughadairean, a chuid sin dhiubh nach do phàigh fhathast, an dichioll air am pàigheadh a chur g’ ar n-ionnsuidh gun dàil. Tha ’n clo-bhuailadaia ri phàigheadh, tha paipear ri cheannach, agus tha iomadh ni eile ri choinneachadh air nach leig sinn a leas iomradh a thoirt. Bheir iad so uile leotha airgead, agus a chum ’s gu’m bi e ’nar comas a chuid fhein a thoirt do gach duine, feumaidh luchd-gabhail a phaipeir deanamh mar sin ruinne. Tha sinn an dòchas gu’n dean iad sin, agus nach leig iad dith no deireas air MAC-TALLA. Cha’n eil atharrachadh sam bith air suidheachadh na Tuirce. Tha e coltach nach d rinn soitheach-cogaidh nan Stàitean na bha i cur romhpe; cha deach i gu Constantinople idir, agus mar sin tha cuisean air am fagail mar a bha iad. Rinneadh call mor air a bharr an taobh an iar Eirinn le tuiltean. Ann an iomadh àite tha e air a thur mhilleadh, agus mur deanar cuideachadh leisan t-sluagh bhochd, tha e ’na aobhar eagail gu’m bi gorta nam measg air a gheamhradh. Tha ’n naigheachd mu dheireadh a thainig, ag innse gu bheil an Spainn a dol a thoirt aon ionnsuidh gharg eile air Cuba a thoirt fo chis, agus mur teid aice air sin a dheanamh romh thoiseach a mhios Mhàrt, bheir i suas, agus leigidh i leis an eilein a dhol an lamhan nan ceannairceach. Tha ’n Dotair Jamieson, a chuireadh dh’ an phriosan air son bristeadh a stigh air an Transvaal, ri bhi air a leigeil m’a sgaoil; cha’n eil am priosan a tigh’n ri ’shlàinte. Ged a bha Jamieson ’sa chuideachd air an cumail am priosan, cha robh ann ach “mar mhagadh,” air bha aire agus biadh dhaoin-uaisle tir a chumail riutha fhad ’sa bha iad ann, agus cha’n eil e furasda thuigsinn ciamar a bhrist air an slàinte. Cha’n eil teagamh nach bi a chòmhstri a bh’ eadar Breatuinn ’s na Stàitean a thaobh Venezuela seachad an ùine gun bhi fada. Tha iad deonach taobh air thaobh an gnothuch a chur as an làmhan, gu seachd sònruichte o’n tha cùisean cho troimh-chéile anns an Roinn-Eòrpa. Ni gach aon aig am bheil gràdh do’n t-sith aoibhneas ri sin a chluinntinn, oir bhiodh e ’na ghnothuch bochd do dha dhùthaich mhor mar a tha Breatuinn ’s na Stàitean a dhol a chogadh mu ni cho beag. ’Nuair a bha Sàr Ruisia ann am Balmoral, thainig e aon latha ’n làthair na Ban-righ air èideadh anns an deise Ghaidhealaich. Tha fhios aig na h-uile cho measail ’sa tha Bhan-righ air an fheileadh ’s air gach ni eile bhuineas do’n Ghàidhealtachd, agus ’se sin a thug air an t-Sar am fèileadh a chur uime. ’Nuair a tha a bhan-righ ’sa teaghlach air a Ghàidhealtachd, ’s i ’n deise dhùthchasach a bhios na prionnsachan a cosg daonnan. ’Nuair a bha a h-ogha, Deòrsa Diùc York, ann am Moscow, aig crùnadh an t-Sàir a’s t-samhradh s’a chaidh, chaidh e aon oidhche gu cuirm dh’ionnsuidh an d’fhuair e cuireadh o aon de na h-àrd-uaislean, agus ’se bu chulaidh dha, Feile preasach tlachd mo ruin, ’S osan nach ruig faisg an glun, ’S cota breac nam basan dlùth, ’S bonaid dhù-ghorm thosgarrach. Tha e air innse dhuinn nach do chòrd a thrusgan ris na h-uaislean Ruiseanach ach gu h-olc. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 117] [Vol. 5. No. 16. p. 5] NAIDHEACHDAN. Sgaoil a chùirt-mhor a sheachdain gus an diugh. Bha àireamh de chàsan air am fàgaìl gun fheuchainn, agus bidh suidhe eile ann air a mhios s’a tighinn, a’ tòiseachadh air a’ cheud Di-màirt. Thatar a bruidhinn air tòiseachadh rir cladhach air son olla timchioll air Loch Ainslie. Rinneadh moran tollaidh timchioll oirre o chionn treis mhor a bhliadhnaichean, ach chaidh a leigeil seachad. Tha sinn an dòchas gu’m bi barrachd air a dheanamh air an turus so. Tha Latha Taingealachd ri bi air a chumail ann an Canada am bliadhna air an Dior-daoin mu dheireadh dhe’n mhios s’a tighinn. Bidh e air a chumail anns na Stàitean aig an àm cheudna. Tha e gu bhi beagan na’s anmoiche na b’ àbhaist da bhi bliadhnaichean roimhe so. Anns an stoirm a bha ann o chionn beagan us seachdain, bha corr us ochd ceud de dh’ eòin bheaga dhe ach seorsa air am marbhadh aig tigh-soluis Eilean Sable ann an aon oidhche. Bha iad a’ deanamh direach air an t-solus agus ’gam marbhadh fein ris a ghlainne. Tha a’ mheinn chopair aig Amhuinn Sheòrais a rithist ’na tàmh s’ i air lionadh le uisge. Bha iad an deigh doimhneachd ceithir fichead troigh a ruigh eachd agus bha an copar a fàs na b’fhearr mar bu doimhne rachad iad. Cha’n eil teagamh nach toirear oidhearp air a h-obrachadh ar ùu uair-eigin eil e. Tha an t-Urr. Domhnull Siosal, sagart Bhroad Cove, gu bhi an deigh so air a shuidheachadh ann an Antigonish, agus tha sagart Antigonish, an t-Urr Mr. Gillios, ri bhi ann am Broad Cove; tha e ann an Antigonish o chionn tri bliadhn’ deug air fhichead, agus bidh muinntir a pharaiste gle dhuilich a’ dealachadh ris. Tha fear-parlamaid ann an Toronto, Mr. Ros Robertson, agus air dha tilleadh dhachaidh à Ottawa an deigh suidhe na parlamaid, thug e seachad a thuarasdal, mile dolair, air son math tigh-eiridinn chloinne a th’ anns a bhaile, Agus cha biodh e freagarrach a dhi-chuimhneachadh gur-a-fear-deasachaidh paipear-naigheachd a th’ ann. Thainig soitheach a stigh do acarsaid Sidni Tuath toiseach na seachdain so agus fear de’n sgioba tinn leis a’ bhric. Bha e tinn fad fhichead latha roimhe sìn, agus bha e ’dol am feobhas mu’n àm a thainig an soitheach a stigh. Chaidh an soitheach orduchadh a null gu Point Edward, agus chaidh an duine an sin a chur dh’an ospadal. Bha an soitheach air tighinn à Baniff, an Alba. Tha sinn a tuigsinn gu bheil cuìdeachd a’ Ghuail gus an rathad eadar am baile so ’s meinn a Reserve fhosgladh as ùr, gu bhi ruith charbadan air gus luchd-siubhail o ghiulan. Tha ’san ainm cuideachd gu bheil iad a’ dol a chàradh ’na seann laimhrig anns a’ bhaile so, agus gu’m bi iad a luchdachadh guail aice air an t-samhradh s’a tighinn. Ma tha sin uile fior, ni e feum mor do Shidni. Tha sinn an dòchas gu beil a fior gu leòr. Tha e coltach nach fhada gus am bi aig luchd-taghaidh na siorrachd so ri chur an cèill ciod a tha nam beachd a dheanamh a thaobh creic deoch laidir. Mar a tha an dràsda tha an Scott Act na lagh ’san t-siorrachd, ach cha’n eìlear ’ga chiomhead gu ro math, agus tha iadsan a tha ’ga bhristeadh a faotainn as mar a’s trice gun pheanaist sam bith. Thatar an dràsda bruidhinn air feuchainn ris an lagh sin a chur as agus lagh eile ghabhail leis am faodar cead a thoirt do fheadhain deoch làidir a reic, agus càin a chur orra-san a reiceas gun chead. Tha caochladh bheachdan aig càirdean stuaimeachd a thaobh ciod bu chòir a dheanamh. Fhuair an t-Urr, M. A. MacCoinnich, ministeir Ghrand River o chionn ghoirid sgeula-bais athar, a chaochail ann an Alba air an 22 latha dhe’n mhios a chaidh seachad. Bha e ceithir fichead bliabhna ’sa coig deug a dh’aois, agus ’na dhuine air an robh meas mor anns an sgireachd d’am buineadh e. Chaidh fear Seumas Babin as a rian ann an Arichat a sheachdain gus a bhòn-de, agus thug e ionnsuidh air beatha Caiptean Marmaud ’se ’g obair còmhla ris. Rug e air sgòrnan air, ach fhuair am fear eile e-fhein as a lamhan agus le cuideachdadh dhaoin’ eile thug e dh’an phriosan e. Cha’n eil teagamh mach bi e air a chur à sin dh’an tigh-chaothaich. Tha sinn duilich a chluìnntinn gu bheil an t-Urr M. A. Mac Coinnich a’ dol a dh’fhagail sgireachd Ghrand River, far a bheil e nis a saoithreachadh le mor thaitneas o chionn àireamh mhath bhliadhnaichean. Tha Mr. MacCoinnich ’na shearmonaiche math, am Beurla ’s an Gailig, agus tha sinn an dochas, ma dh’ fhagas e Grand River nach leigear leis a dhol fad air falbh, ach gun dean coithional eigin eile faisg air laimh greim air. Chaidh tigh Dhomhnuill Mhic Neacail, anns an Glace Bay Mhor, a losgadh gu làr oidhche Di-satharna s’a chaidh. Thòisich an teine la lampa thuiteam ’s bhristeadh air an ùrlar. Cha d’fhuaireadh ach gle bheag dhe na bha ’san tigh a shàbhalrdh. Bha Mr. Mac Neacail e-fhèin a stigh an Sidni aig an àm, agus ’nuair a chaidh e air ais bha ’n tigh ’na smàl. Bha ceithir cheud dolair de dh’ airgead-urrais air an tigh, ach cha dean sin suas an call idir. Bha barr math feòir us arbhair ann an Eilean a Phrionnsa air an fhoghar so, ach tha am buntàta fad air ais seach mar a b’abhaist da bhi. Tha cuid de na tuathanaich a fhuair naodh buiseil dheug crithneachd o gach buiseal a chuir iad, agus ’se àireamh gle bheag dhiubh a fhuair na bu lugha na deich buiseil o gach aon a chuir iad. Cha’n eil na prisean ach gle iseal; tha ’n corca ’creic air da shent air fhichead am buiseal, agus am buntàta air fichead. Cha bhi ach pris gle bhochd air muc-fheoil; cha do thoisicheadh ri ’ceannach fhathast, ach cha’n eil e coltach gu’m bi oirre ach mu thri sentichean am punnd. ’S gann gu’n seall neach air paipear-naigheachd ’san àm so gun e leughadh iomradh air fear no té eigin a tha ’n deigh aois mhor a ruigheachd. Tha paipear mur coinneamh an drasda a tha toirt sgeula-bais bean P. O’Hara, a chaochail ann an Ottawa an la roimhe ’si ceud us aon bliadhn’ deug a dh’ aois. Thainig i mach à Eirinn o chionn còrr us leth-cheud bliadhna air ais. Phòs i ’n uair a a bha i fichead bliadhna, agus chaochail a ceile o chionn da fhichead bliadhna ’sa sia. Tha ’m paipear ceudna ’g innse mu charaid a ann an Summerside, P. E. I., do’n ainm Canning. Tha esan ceud bliadhna ’sa tri agus ise ceud ’sa seachd, agus tha iad le chèile gu slan fallain. Tha comuinn stuaime a fàs gle lionmhor air an eilean so, s’ gu ma h-e dhaibh. Tha Mr. H. D. Mac-Ille-mhaoil an deigh aireamh nan Good Templars a chur am meud de ceithir deug no coig deug de loidsichean ùra chur air chois o chionn da mhios, agus tha duil aige tuilleadh a chur air chios mu’n stad e. An te mu dheireadh a dh’fhosgail e, ’s ann aig Hillside am Mira, agus tha coltas gle fhallain oirre. So cuid de na h-àiteachan anns am bheir loidsichean ùra: Orangedale, Coxheath, Malagawatch, River Inhabitants agus New Canada. A bharrachd air na Templars, tha da chomunn eile a tha gle lionmhor air feadh an eilein, an Division agus an League of the Cross. Mur bi muinntir Cheap Breatunn stuama ’n deigh so, ’se ’n coire fhein a bhios ann. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. [TD 118] [Vol. 5. No. 16. p. 6] Am Bonn air an robh Comharradh. Bu latha trom, docha, an ceud mhios a gheamhraidh a bh’ ann, agus bha na craobhain a bha mi ’cur as mo dheigh ’s mi coiseachd bog fliuch leis a’ cheò abha ’g èiridh bhar nan achaidhean a bha ceithir-thimchioll. Bha uisge mìn air tòiseachadh, agus bha mo chuid aodaich—nach robh air a dhion le aon chuid sgàileagan no cot-uisge—a cheana air fas gu math tais. Thigeadh e ri m’ chàil gle mhath leantuinn air coiseachd romham, ge air bith taobh; ach smaoinich mi na’n rachadh mo fhliuchadh gu ’m faodainn creanachadh air le tinneas a ghabhail; agus anns an t-suidheachadh anns an robh mi aig a’ cheart àm, bu thinneas ni air nach b’ urrainn mi a bheag a dh’uine no dh’ airgead a bhuileachadh. Air an aobhar sin chuir mi mu’n cuairt, agus thill mi gu m’ ionad comhnuidh, ni nach robh mi gle dheònach a dheanamh, oir bha eagal orm gu’n cuireadh bean-an-taighe mar fhiachaibh orm mo chuid fhiachan a phàigheadh. Bha mi ann an droch staid: bha mi air a dhol do Hillford gus a dhol a stigh ri cuideachd chleasaichean a bha ’sa bhaile aig an àm sin, agus an ceann seachdain bha mi air m’ fhàgail lom, falamh, le bochduinn an àrd-chleasaiche. Bha sinn a cluich fad na seachdain, ach cha robh an taigh idir lar, agus bha gnùis an àrd-chleasaiche ag innse dhuinn nach robh cùisean mar bu choir dhaibh a bhi; agus tha mi smaoineachadh nach robh ionghnadh air aon seach aon againn a chluinntinn Di-sathaina nach robh sgillinn airgeid anns an ìonmhas. Dh’fhalbh na cleasaichean eile an sid ’s an so, cha’n eil fhios agam ciamar no c’àite; ach air mo shon-sa dheth, dh’ fhuirich mi, an dòchas gu’n tigeadh cùisean gu bhi na b’ fhearr. A dh’ innse na firinn, bha mi gle ghann a dh’airgead, agus cha robh mi faicinn dòigh air teicheadh. Ach, o’n a bha chùis mar a bha, dh’fheuch mi ris a chuis a b’ fhearr a dheanamh dhe ’n chùis bu mhiosa, le sealltuinn a mach air son cosnaidh. Bha toil agam bean an taighe a phàigheadh—cha b’ urrainn domh am baile’ fhàgail gus an deanainn sin. Ach a dh’ aindeoin m’ uile dhichioll, cha robh cosnadh ri fhaotainn; agus a nise bha Di-haoine na darna seachdain ann, agus bha mise an sid, a’ sràidearachd air feadh na dùthcha, gun na mo phòcaid ach aon bhonn shia sgillinn agus beagan bhuinn-a-sia, agus mì gle an-earbsach a thaobh an latha màireach. Thionndaidh mi stigh do m’ ionad-còmhnuidh le cridhe trom eu-dòchasach. Bha mi ’n dùil gu’n tachradh Nic-a-Ghobha orm aig an dorus ’s mo chùnntas aice ’na dòrn. Ach na h-àite ’se thachair orm an t-searbhanta; air dh’ ise m’ fhaicinn chaidh i gu grad air ais do ’n chidsinn, agus an ceann mionaid thill i ’s litir aice ’na làimh. “Le’r cead,” ars ise, “thainig an litir so leis a phosda an deigh na dinnearach, agus dh’ iarr mo bhana-mhaighstir orm an sgillinn a phaigh i air a son fhaotainn uaibh, na ’s e ur toil e.” Thug mi an sgillinn do’n nighinn, ghabh mi an litir as a làimh agus sheall mi air an sgriobhadh. Air ball las mo chridhe le dòchas—bha an litir bho Mhàiri, bean Rob bhrathair m’ athar. Bha mise ’s iad féin o chionn treis a dh’ ùine a mach air a chéile. Bu mhiann leotha-san mo chur a dh’ionnsachadh na ceannachd, leis an d’ rinn Rob saoibhreas: bu mhiann leamsa bhi ’nam chleasaiche. Cha robh ’chàirdean agam ach iad fhéin, agus cha’n e mhain gu’n d’fhuair mi mo dheagh àrach ’nan dachaidh, ach thug iad foghlum math dhomh air chul sin; agus b’ionghnadh leotha-san mar bu chràdh leamsa nach b’ urrainn duinn a bhi dhe ’n aon inntinn a thaobh an dòigh air an tiginn troimh ’n t-saoghal—agus mar sin bha mise ’nam sheasamh an sid, gun ach gann sgillinn ris an t-saoghal agam, us litir Màiri ’na mo làimh. Dh’fhosgail mi an litir, agus leugh mi i cho luath ’sa b’urrainn domh. Bha Rob, brathair m’ athar, gu tinn—cho tin ’s nach robh ach gann dùil ri e dhol na b’fhearr. Co luath ’sa thuig e nach robh a shaoghal gu bhi gearr, dh’asluich e orra cur g’ am iarraidh-sa, agus bha a bhean ag àithne dhomh na ’m b’ urrainn domh idir a dhol dhachaidh gun dàil sam bith. Dh’fhaodadh gu’m maireadh e beagan lathaichean na b’ fhaide, ach cha deanadh math dhomh moran ùine chall. Sheall mi c’uin a chaidh an litir a sgriobhadh, agus an sin air a chomhdach a bha air a sheoladh ugam da uair. Mo chreach! chaidh an litir a sgriobhadh Di-luain, agus bha nis ann Di-haoine. Ach dh’ fhalbhainn gu cinnteach—Rob bochd! bha e riamh gu math dhomh, eadhon ged nach do thuig e mo nàdar. Dh’ fhalbhainn—’s mi a dh’ fhalbhadh, agus sin gun an còrr dàlach! Ach air dhomh éiridh ’nam sheasamh, air ball chuimhnich mi gu robh Southchester far an robh bràthair mo mhàthar agus a bhean a fuireach, direach ceud mile air falbh, agus nach robh agam ach deich sgillinn ris an t-saoghal. Ciod a bha mi gu dheanamh? Bha mi air m’ uaireadair ’s gach bad aodaich a b’ urrainn domh sheachnadh a thoirt seachad an geall mu sheachdain roimhe sin, agus cha robh ni air fhàgail agam leis am faodainn beagan airgeid fhaighinn. An toireadh Nic-a-Ghobha dhomh deich tasdain an iasad? chuir mi an smaoin sin a thaobh air ball—bha còrr us tri uiread na smuim sin aic’ orm cheana! Ciod e, ma ta a b’urrainn dhomh dheanamh? An robh duin’ idir ann air an iarrainn cideachadh? Bha ’n carbad-iaruinn gu falbh a Hillford aig seachd uairean, agus cha robh e ’n dràsda ach beagan mhionaidean o shia—bha uair a thim agam airson na deich tasdain fhaotainn. Ciamar a ghabhadh sin deanamh? Am feadh ’sa bha mi mar so ann an innecheist smaoinich mi air duin’ og air an do chuir mi beagan eolais an t-seachdain a bha mi ’san tigh-chluich; duine tapaidh companta aig an robh, a reir mo bharail, meas orm. Thachair sinn air a chèile ann an aon de sheomraichean an taigh-òsda, agus air dòigh-eigin bhuail sinn air seanachas. Rachainn sios dha’ an taigh-òsda—b’àbhaist da bhi ann mu shia uairean a thoirt greis air cluich mu’n rachadh e dhachaidh. ’N ar coigrich d’a cheile ’s mar a bha sinn, bha mi làn-chinnteach gu’n deanadh e cobhair orm nuair o leiginn ris dha mo chàradh. Thog mi leam m’ ad ’s dh’ fhalbh mi. Eadar an staidhear ’s an dorus thachair Nic-a-Ghobha orm. “Tha feasgar briagh’ ann,” arsa mise, ’s mi leigeil orm gu robh mi an cabhaig mhoir. “Cha’n urrainn dhomh feitheamh ri bheag a sheanachas a bhi agam ruibh—tha mi air litir fhaotainn a dh’fheumas a bhi air a freagairt—gnothuch cudthromach.” Tharrunn Nic-a-Ghobha osna throm, agus dh’amhairc i orm gu h-amharusach. “Tha mi ’n dòchas,” ars ise, “gu robh an t-airgead ris an robh dail agad innte, a Mhr. Howard, a chionn”— “Gle cheart,” arsa mise, “na cuiribh maille orm an dràsda coltach ri boirionnach math, ’s theid mi fèin an urras gu’m bi na th’agaibh orm air a phaigheadh le riabh,” agus choisich mi seachad oirre ’s ruith mi sios na ceumanan dh’ ionnsuidh na sràide. Feumaidh mi aideachadh gu robh mi gle theagmhach a taobh firinn na thuirt mi rithe, oir bha e gle dhoirbh dhomh dheamamh a mach cuin no ciamar a rachadh agam air uiread airgeid ’sa phaigheadh i a chur cruinn. Ach thainig beagan dochais ugam nuair a smaoinich mi air litir Màiri, agus ghreas mi orm dh’ionnsuidh an taigh-òsda a shireadh mo charaid, agus a ghabhail an iasad uaithe na bheireadh mi gu Southchester air ball. Bha àireamh mhath de dhaoine anns an t-seòmar an uair a chaidh mi steach ’sa thug mi sùil mu’n cuairt feuch am faicinn Mr. Ionas. Aig aon bhord bha dithis dhaoine a cluich billiards; agus aig bòrd eile am measg chàch bha seòladair bhar aon de na soithichean-cogaidh, agus e cur cridhleas air feadh na cuideachd leis cho sporsail ’s cho aoidheil ’sa bha e ’na chonaltradh. Bha triùir no cheathrar de dhaoine ’nan suidhe mu’n cuairt, a gabhail ceò as am pioban agus ag amharc na cluich, ach cha robh sgeul air fear mo ghnothuich. Chaidh mi bhruidhinn ris an fhear a bha amharc-thairis air a’ chluich agus dh’ feoraich mi dhe am fac’ e Mr. Ionas a stigh. Fhreagair e nach fhaca: nach robh Mr. Ionas a stigh an la ud idir. Dh’ eigh e ri fhear-cuideachaidh, a bha na sheasamh aig ceann eile ’bhùird, ’s chuir e mo cheistsa ris. Thionndaidh duine bha ’na shuidhe aig an teine agus thuirt e rium gu fac’ esan Mr-Ionas a mhaduinn ud air an t-slighe gu Manchester, agus nach biodh e air ais gu ceann dha no tri lathaichean. Ghnog mi mo cheann ris an duine, agus shuidh mi, agus mo dhochas air tuiteam gu làr. Bha an gnothuch air fairthleachadh orm. Bha e nise teannadh ri leth-uair an deigh sia—cha robh agam ach leth-uair gus an t-airgead fhaotainn leis am faighinn [TD 119] [Vol. 5. No. 16. p. 7] a dhol gu Southchester, Ach ciod a dheanainn—cha b’aithne dhomh duine—cha robh ni agam air son an faighinn airgead. Shuidh mi an sin, gu trom-chriadheach, truagh, agus eu-dòchas a’ bualadh mo chridhe. Air do’n e-seoladair a bhi faotainn air adhart gu math leis a’ chluich, dh’ iarr e deoch a thoirt a nall dha fhéin ’s dha ’n fhear a bha ’cluich còmhla ris. Thug e mach làn a dhùirn de bhuinn oir us airgeid, agus thilg e leth-chrùn air a bhòrd. ’Sann agamsa bha ’n t-suil air! Bu shanntach mi air beagan dhe na bha ’nlaimh ’nam biodh— Bha e cur an airgeid air ais d’a phocaid. Bha e fhéin ’sa chompanach a’ bruidhinn ’sa gaireachdaich, gun smaoin air ni ach a mhain air an cluich. Ach bha sùil agamsa air a làimh ’s air an airgead, agus chunnaic mi bonn beag oir a dol troimh mheòirean ’sa tuiteam air an ùrlar. Bha ’m brat-ùrlair tiugh ’s cha d’ rinn am bonn fuaim sam bith. Rol e nall, agus stad e direach ri taobh na caithreach agamsa; agus mu’n do smaoinich mi ciod a bha mi deanamh chuir mi mo chas air. (Ri Leantuinn.) Dleasnais Pharanta. Tha e ’na chunnart ro mhòr ann an riaghladh teaghlaich an uair nach smauinich pàranta gu cùramach air an dleasnasaibh fein. Tha cuid ann a ta’ deanamh gu mearachdach le bhi ’nochdadh leth-bhreith a thaobh an cloinne fein. Is ni sin an aghaidh am bu chòir do gach athair agus màthair a bhi air am faiceall. Is mìllteach an cleachd e, agus is truagh na nithe a tha gu minic a’ sruthada uaith. Tha e tuilleadh ’s trice a’ tachairt ann an teaghlaichibh, gu’m bheil aig aithrichibh agus aig màithrichibh ànnsachd leinibh, no leanabh d’am bheil iad gu follaiseach a’ nochdadh spéis chomharraichte thairis air a’ chuid eile dhe’n cloinne fein. Tha da ni olc a’ sruthadh o’n ghiùlan so. Anns a chèud àite, tha e gu tric a’ tachairt, gu’m bheil annsachd no graidhean so nam pàrant gu buileach air a mhilleadh, air chor is an uair a dh’fhàsas e suas, nach toir e mach ach toradh a bhios ro ghoirt agus géur. Tha leanamh millte a’ nochdadh na truaighe a rinneadh air, an uair a dh’fhàsas e suas gu aois céill agus tuisge. Cha bhuin an saoghal ris, agus cha dean an saoghal ànnsachd dheth mar a rinn a phàranta èuceillidh, uime sin tha e ’mothuchadh gu’n d’rinneadh dochunn air ’na òige, nach ’eil idir chum a leas ann an laithibh na h-aoise. Ach anns an dara àite, tha chuid eile dhe’n teaghlach do nach ’eil sùim co sonraichte air a ghabhail, a’ tàrmachadh farmaid agus tnù an aghaidh am pàrantan fein, agus mar an cèudna an aghaidh a’ bharthar no na peathar, ris an do bhuineadh gu leth-bhreitheach. Tha’n giùlan millteach so a’ dusgadh suas mi-ghean anns an tigh. Cha’n ’eil teagamh nach e mòr-speis athar fein do Ioseph, a thug air a bhrathairean fuath a thoirt dha, agus buntainn ris mar a rinn iad. Cha’n fhad gus an toir na big fein an aire do’n dòigh air am buinear riutha leo-san a ghin iad. Tha e tachairt gu trice gu’m bheil pàranta a’ deanamh iodhail beaga dhe’n leanabh a’s oige ’san teaghlach, ach tha iad a’ deanamh gu mearachdach,—gu mearachdach dhoibh fein,—gu mearachdach do’n chloinn eile,—agus gu ro mhearachdach do’n leanabh fein. Mar so tha eas-aonachd air a suidheachadh anns an ionad sin far am bu chòir do shonas a bhi rioghachadh. Tha’n t-aite sin bu choir a bhi mar Eden na beatha, air a thruailleadh le mi-ruin agus farmad. Tha na pàrantan a’ toirt eòlais air éucoir da’n slìochd fein ann an laithibh an òige, agus tha eiseimpleir neo-mhearachdach air anaceartas agus claoin-bhreith air a sgriobhadh air anamaibh an slìochd fein le làmhaibh nam parant d’an d’thugadh iad. Mar so tha iadsan a’ truailleadh an cloinne fein, eadhon iadsan d’am bheil e ’na dhleas’nas gach ni subhailceach agus diadhaidh a sparradh orra. SGIATHANACH. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. [TD 120] [Vol. 5. No. 16. p. 8] Donull Ban a Bhocain. Tha mu choig fichead bliadhna ’s a deich bhon’ a dh’ eug an duine foghainteach so—Donull Bàn a’ Bhocain, no mar bu trice theirteadh ris—Dònull Bàn mac Aonghuis. Is ann de mhuinntir Bràighe Lochabar, agus de Tigh-na-Ceapaich a bha e. B’e am fear mu dheireadh a bh’ ann de Shealgairean Mhic-’ic Raonuill. Bha e fuireach am Muin-Easaidh, agus cuideachd an Ionarlàire. Is Bana-Ghriogarach à Raineach a bha pòsta aige; agus tha iar-oghaichean agus fionn-oghaichean da fathast air bhuil. Is ann ’s a’ mhonadh a thachair an “Bocan” an toiseach air Dònull Bàn. Thug e fada na ’dheaghaidh, gus mu dheireadh ’n a theabas a chreach leis—cha’n fhàgadh e biadh no annlan gun salchad, ’s gun mhilleadh air an teaghlach, agus dh’ oilltich e romh “Nic-Griogair.” Ged a bha Dònull tric a’ faighinn bruidhne dheth, cha’n fhac e riabh ’an riochd sa bith e. Cha robh fois latha no oidhche aige le clachan ’s le caoban. Bha chléir ’s mithith us maithibh na duthcha fianaiseach air cuid de ’ioraltan—agus sin an lom an latha ghil sholuis. Tha ioma sgial air chuimhne mu ’n Bhòcan agus cuid diubh ait gu leoir. An oidhche a dhealaich e ri Dònull chaidh e air mullach an fharlais agus ghlaodh e, “Am beil thu ’d chadal a Dhònuill Bhàin? “Cha’n ’eil a nise fhein,” osa Donull. “Cuir a mach an teadhair fhada, ghlas, Nic-Griogair,” os esan. “Cha’n ’eil mi ’m barail gu’n cuir a nochd,” os Dònull. A mach thu fhèin, ma ta, agus fàg do bhoineid.” Shaoil leis a’ mhnaoi chòir gun robh e taobh-mach an tighe, agus cuirear cagar an cluais Dhònuill ’s e ’g èirigh, “nach fharraid thu dheth cuine thig am Prionnsa. Mu’n gann a bha am facal as a bial fhreagair sid i, “Nach d’ fhuair thu do leòir roimhe dheth, a theadhair ghlas?”—dh’ éirich Dònull mar bu dligheach le Tearlach. A reir a h-uile innsidh-sgeòil bha Dònuil na dhuine firinneach, onorach agus dh’èug e ’n coltas fìor chrìostaidh. Ciod sa bith a bh’ air aire a’ Bhòcain, cha d’ innis Dònull riabh e. Tha ’n uaigh aige fhathast ri ’faicinn ’us leac-monaidh oirre ’an Cille- Chaorraill. Is am bho m’ charaide aig an Tigh-Mhaol a fhuair mi an laoidh. D. C. M. LAOIDH DHONUILL BHAIN A BHOCAIN. A Dhia, a chruthaich mi gun chàileachd, Daingnich mo chreideamh ’us dian làidir, Thoir air aìngeal tigh’nn à Pàras, Us còmhnaidh ghabhail ann am fhàrdaich, Gu m’ theasraiginn bho gach buaireadh, Tha droch shluagh ag cur ’am charaibh; ’Iosa ’dh’fhuilig do cheusadh, Caisg am beusan ’s bi fhèin mar ruim. ’S beag ioghnadh dhomh ’bhi ri smaoineach’— ’N àm dhomh dol daonnan do m’ leabaidh, Eiridh na clachan ’s na caoban— Ciamar ’gheabhadh Naomh ann cadal. Bidh mi gun fhois ’us gun tamh, Gun chlos, ’us gun phramh gu madainn. ’Fhir ’tha ’n cathair nan grasan, Faic mo chàradh ’s bi ’d gheàrd agam. ’S beag ioghnadh dhomh bhi fo imcheist, Liuthad seanchus ’th orm ’s gach dùthaich Their roinn diubh a bhios ri èucoir: ’S ann na ’dheaghaidh fhèin tha ’chùis ud. Na toir a’ bhreith ach mar is lèir dhut, Geda robh Man Dhè ga d’ dhùsgadh; Cha ’n eil fhios am mò a thaoill mi, Na fear saobhir ’tha gun chùram. Ged tha trioblaid orm ’s an àm so, Nàile, gheabh mi pàidheadh dubàilt, An uair thig gairm orm bho m’ Shlanair, Gheabh mi iochd ’us grasan ùra. Cha ’n eagal domhsa tuille bruaidhlein, ’N uair ’theid mi suas mar ri d’ naoimh-sa; Fhir a tha ’d shuidhe ’s a’ chathair, Cuidich no labhairt ’s gabh ri m’ùrnaigh. A Dhia, dian mise cuimhneach, A latha ’s a dh-oidhche, air ’bhi ’g ùrnaigh Ag iarraidh mathanais gu saobhir, Anns na rinn mi, air mo ghiùinean, Càirich le Spiorad na Firinn, Aithreachas gle chinnt am ghrunnd-sa ’N uair a chuireas tu ’m bàs ga m’ iarraidh Gu’n gabh Criosta dhiam cùram. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. REIC AODAICH A’s mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh. A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct. Tha mi ’n deigh stoc anabarrach mor de dh’ Aodaichean Deante a cheannach bho na taighean a’s fhearr an Canada, air pris cho iseal ’s gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu, Cho saor ’sa dh’ iarradh tu. Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caite ’m bheil sinn. Anns an stor a tha ’n aon tigh ais a’ Bhanca. D. J. DOMHNULLACH. [TD 121] [Vol. 5. No. 17. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 31, 1896. No. 17 Litir a Alba. Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a ghàraidh Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA:—Cha mhor nach eil mi cinnteach gu robh thu fhein ’s do chairdean lionmhor a smaointean gu’n d’ fhuair mi bàs, o nach robh mi sgriobhadh a d’ ionnsuidh. Is mi nach d’ fhuair. Mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, “Is buan gach olc.” Is iomadh fear a b’ fhearr na mi a fhuair bàs o’n latha ’sgriobh mi ugad mu dheireadh. Ged a bha mi fada gu leòr sàmhach, cha robh mi cho fada sàmhach ris na trì fuamhairean air an cuala mi iomradh o chionn fada. Bha na trì fuamhairean so a fuireach ann an uaimhe. Bu triuir bhràithrean iad; agus bha iad a’ faotainn am beo-shlaint mar a b’ fheaarr a dh’ fhaodadh iad, le sealg ’s le iasgach ’s le maorach a chladaich. An uair a chaidh iad a dh’ fhuìreach do ’n uaimhe, rinn iad suas eatorra fhein gu’n deanadh iad cho beag de bhruidhinn ’s a b’ urrainn daibh, agus gu’n tugadh iad an aire air an gnothach. Bha iad latha ’s bliadhna ’fuireach anns an uaimhe mu’n do labhair fear seach fear dhiubh aon fhacal. An uair a chaidh an ùine so seachad, thuirt am fear a b’ òige, ’s iad ’nan suidhe ’nan triuir anns an uaimhe, “Cha chreid mi nach e geum bà a chuala mi.” Cha d’ fhosgail fear seach fear de’n dithis eile a bheul gus an deach latha ’s bliadhna eile seachad, an uair a thog an dara fear a cheann ’s iad ’nan triuir ’nan suidhe, agus thuirt e, “Ciod e tha thu ag ràdh?” An uair a chaidh latha ’s bliadhna eile seachad, thuirt am fear bu shinne ’s e freagairt, “Mur dean sibh ni’s lugha bhruidhinn, fàgaidh mi an uamha agaibh fhein.” Ged nach cuala tusa guth uamsa o chionn iomadh latha, cha robh mo theanga ’na tàmh idir. Cha ruig mi leas teannadh ri innseadh dhut cia mar a bha mi ’cur seachad na h-ùine. Ged nach e so àm na curachd, tha pailteas obrach aig gach gàradair ri dheanamh. Tha na luibhean lìonmhor gun fheum a tha ’fàs anns gach gàradh, anabarrach bras gu fàs anns an dà mhios mu dheireadh de’n fhoghar. Tha iad mar gu’m biodh iad a cur rompa gu faigh iad lamh an uachdar gu’n taing do’n ghàradair. Ma bhios an t-sìde glé fhliuch, mar a bha i, faodaidh mi ràdh, o chionn ochd seachdainean, theid aig na luibhean oir an cinn a thogail gu math àrd. Nam faiceadh tu mi tighinn dhachaidh as a ghàradh anmoch ’s an fheasgar, le mo bhrògan làn pùill is eabair, agus mo chrògan cho salach ’s nach dùirigedh tu fhein crathadh laimhe a thoirt dhomh, ged is toigh leat mi; theireadh tu riut fhein nach b’ urrainn gu’m biodh a’ bheag de shunnd orm gu teannadh ri sgrìobhadh. Ach a nise tha barrachd ùine agam gu sgrìobagan a chur ugad. Anns na h-oidhcheachan fada geamhraidh bidh ùine gu leòr aig daoine gu leughadh is sgriobhadh a dheanamh. Tha mi ’n dòchas gù bheil cùisean a’ cinntinn gu math leat, agus gu bheil do chàirdean a’ fàs ni’s lionmhoire gach latha. An latha ’chì ’s nach fhaic, is mi d’ fhior charaid, BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, 15, 10, ’96. Ursgeulan GoirId. Bha gille ’na sheasamh air an t-sràid Margaidh an Abaireadhan aon fheasgar agus thairg fear-turuis tasdan dà nan treòraicheadh e a dh’ ionnsuidh na seann Eaglaise aig Machair e. Ach cha bu toigh leis a’ ghille dol astar cho fada aig an àm sin, agus thuirt e nach b’urrainn daibh an t-àite ruigsinn air an oidhche sin, a chionn gu’n robh e còrr agus fichead mile air astar. Bha seann duine ’ga éisdeachd agus bha fios gu math aige gu’n robh an gille a deanamh na breige agus thuirt e ris, “Mo naire ort a ghille! tha iongantas orm nach ’eil barrachd spéis agad do’n fhirinn.” “An e spéis a thuirt sibh?” ars an gille, “tha ni ’s mo spéis agam di na bhi tarruing oirre air gach cothrom suarach a thig an rathad.” *** Bha duine uasal araidh ann am Baile a’ Chliabh, agus bha gille aige a thàinig á cearn eile de’n dùthaich, agus air an aobhar sin b’ abhaist do ghillean a’ bhaile a bhi a’ sabaid ris gach uair a thachair iad air. Ach is cinnteach gu ’n d’thug an t-sabaid uiread de thoileachas dasan agus a thug e daibhsan, oir chaidh e do gach ceilidh agus coinneamh eile de an t-seòrsa sin a b’ urrainn da. Is tric a thàinig e dachaidh le dochann air ’aodann agus bha eagal air a mhaighstir coir gu ’m bitheadh an gille bochd air a mharbhadh oidhche-eigihn. Nuair a bha e ag ullachadh gu dol a mach air oidhche àraidh, thuirt a mhaighstir ris “A Phadruig! ma dh’ fhanas tu a staigh an nochd, bheir mi còig tasdain dut.” “A mhaighstir ghradhaich!” arsa Padruig “tha mi anabarrach fada ’nur comain airson ur tairgse bhàigheil, ach am beil e coltach gu ’n gabhainn còig tasdan an àite na dòrnadaireachd a gheibh mi an oidhche so.” *** Bha duine àraidh a còmhnuidh ann an Lathurn aon uair agus ged nach robh e buileach ’na amadan, cha robh e cho glic agus a dh’fhaodadh e a bhi. Bha e a’ siubhal an rathaid gu Achadh na Criche aon latha agus poca air a ghualainn anns an robh coig mulachagan caise, nuair a thachair e air gille air an robh e eòlach. An deidh dhaibh a bhi bruidhinn ri cheile fad beagan mhionaidean, thuirt e ri a charaid, “Ailean! ma’s urrainn duit innseadh dhomh cia meud mulachag a tha agam anns a’ phoca so, bheir mi gach té de’n choig dhut;” agus air do’n ghille a radh “còig,” thuirt e, “Droch bhàs ort a ghille! tha mi cinnteach gu n do dh’innis slaoightir air chor-eigin dhut cia meud a bh’ agam.” *** Bha ministir anns a’ Ghàlltachd aon uair, a chaidh do sgireachd ùr anns an robh an sluagh gle bhorb agus mi-mhodhail, ionnas mur robh iad ag aontachadh ri na thuirt neach sam bith gu’m b’abhaist daibh a ràdh “Tha thu ’nad bhreugaire.” ’Nis shaoil an duine math gu’n teagaisgeadh e modh daibh, agus a chum tòiseachadh a dheanamh dh’ iarr e orra nuair a bhiodh iad a bruidhinn ri cheile agus nach cordadh ri fear sam bith dhiubh rud-eiginn a bha air a ràdh, casad beag a dheanamh an àite bhi ag ràdh “breugaire.” Air latha àraidh shearmonaich e mu dheidhinn a’ chrùthachaidh agus thuirt e gu’n d’rinneadh Adhamh agus Eubh de’n chriadh agus gu’n do chuireadh iad ri taic gàraidh gu tiormachadh. Cha luaithe a dh’ fhàg na facail a bhilean na thòisich an co-thional ri casadaich. Dhi-chuimhnich am ministir bochd na h-uile facal a thuirt e mu mhodh, agus ghlaodh e àrd a chinn “Co a tha ag ràdh gu’m bheil mi ’nam bhreugaire?” Bha iad ’nan tosd air ball agus sheas seann duine suas agus thuirt e, “A mhinistir urramaich! cha’n ’eil sinn ag radh gu’m bheil thu ’nad bhreugaire ach co a thog an gàradh ud?” L. L. Na leig as do chuimhne gu bheil sinn a tairgse MHIC-TALLA do luchd-gabhail ùr uaitne so gu deireadh na bliadhna, 1897—ceithir miosan deuga—air son dolair. ’S math an tairgse so, agus bu chòir do gach leughadair Gailig a gabhail,... [TD 122] [Vol. 5. No. 17. p. 2] COMHRADH Eadar Murachadh Ban agus Coinneach Ciobair. COIN. “Fhir mo ghraidh, an d’ thainig thu, oir cha robh duil agam riut gu maireach, ach is minic a thig toil-inntinn gu’n duil ris. Am bheil urachd idir agad o sin is fhiach aithris?” MUR. “Cha’n ’eil naigheachd sam bith agam, a Choinnich, ach gu’n robh mi air bainnis gle chridheil a’n raoir, a chumadh suas gus an d’ eirich a ghrian air mhaduinn an diugh, agus uime sin cha robh co-chomann sam bith eadar do charaid ‘Morpheus’ agus mi fein re na h-oidhche, agus och mo chreach, a Choinnich, cha’n fheairrd an gnothuch sin.” C. “Chuala mi gu’n robh do chbimhearsnach Alasdair Mac Sheumais Ruaidh gu bean fhaotuinn ’s na laithibh so, ach cha robh duil agam gu’n robh an gnothuch co fagus. Tha thu ’g radh gu’n do chuir thu fein agus ‘Morpheus’ cùl r’a cheile a’n raoir; cha’n ’eil teagamh agam, uime sin, nach b’fheairrd thu roinneag bheag dhe’n chu a ghearr thu a’n raoir, oir a reir coslais cha’n urrainn an ceann a bhi ’na aite fein an diugh. Rachamaid a choimhead air Seònaid dh’fheuchainn an dean i cobhair oirnne.” M. “Cha’n ’eil a bheag a’ cur as domhsa, a’ Choinnich, agus air an aobhar sin cha’n ’eil feum agam air ni sam bith o Sheònaid chòir, aig an uair thràth so dhe’n la.” C. “Bheir sinn an tigh oirnn co dhiubh a’ Mhurachaidh, oir tha teas na gréine mor, agus gheibh sinn fionnarachd an tighe taitneach.” M. “Is rag an duine nach gabh comhairle; uime sin rachamaid a chur fàilte air mo bhan-ghoistidh,” C. “Ach, mo dhi-chuirnhne, ciamar a tha ’n greidhear Griogaireach agad? Tha mi ’n dochas nach do theirig a chuid bardachd fathast, ach gu,n cluinn sinn tuilleadh dheth. Gheall thu, a’ Mhurachaidh chòir, gu’n leigeadh tu ris dhomh nithe àraidh mu eachdraidh Chloinn Ghriogair; am bheil e ’nad’ chomas a’ bheag dheth a dheanamh a nis?” M. “Tha eachdraidh a’ Chinnich ghaisgeil sin, co fada, farsuing, agus iomadh-ghnetheach, ’s nach ’eil e am chomas ach beagan a thoirt soachad an sud ’s an so.” C. “Is maith beagan fein do neach mar tha mise aig am bheil daimhealas agus cairdeas ris an fhine sin, oir bu bhain-Ghriogairich mo dhithis shean-mhathar.” M. “Tha mi ’gad thuigsinn, a’ Choinnich, oir is minic a chuala sinn gur tiughaidh fuil na uisge, uime sin, do bhrigh gu’m bheil an fhuil rioghail sin a’ ruith ’nad’ chuislibh, cuiridh mi an céill beagan mu’n doigh air an do bhuinneadh ris an dream chalma sin. Tha e air a ràdh, ma ta, gu’n d’ thainig am Fine Griogarach a mach air tùs o Ghriogair an treas mac aig Ailpean, aon de righribh na h-Alba; o cheann còrr is aon cheud deug bliadhna air ais. O so thugadh Clann Ailpein mar ainm orra. Uime sin, o cheann iomadh linn air ais, bha moran fearainn aig a’ Chinneach chliuteach so air criochaibh Earraghaidheil, ann an Siorrachd Pheirt, agus mu’n cuairt do Loch Catrine, agus air taobh tuath Loch Laomain. An uair a thug na claidhean còir seachad air uachdaranachd an fhearainn, ghleidh na Griogaraich an còir fein air gach seilbh a bhuinneadh dhoibh, ach b’ éigin doibh sin a dheanamh le faobhar a’ chlaidheimh, agus cha’n ann, mo chreach! gu’n mhoran reubainn, sgrios, agus doirteadh fola, chum iad fein a dhionadh.” C. “Mo lamhsa nach ann, ach bha ’n Cinneach gaisgeil, dealasach, agus treun, agus cha’n ann gun fhios ciamar a dhealaicheadh iad ri ’n còirichibh fein.” M. “Abair sin, a’ Choinnich, ach an deigh sin, cha b’ fhurast doibh seasamh an aghaidh seoltachd, foill, agus chuilbheartan an naimhdean fein, a bha guineach agus gamhlasach thar tomhas agus tuigse.” C. “Tha thu ceart, a’ Mhurachaidh, ach bha e na bhochduinn do Chloinn-Ghríogair, gu’n robh iad riamh tuilleadh ’s simplidh, sochaireach ’nan nàdar fein. Bha iad gun teagamh mu ’s baoghalta, neo-amhrusach, ’nan giùlan do ghnath.” M. “Cha’n ’eil teagamh idir air sin, agus ochan! is searbh a dh’fhuiling iad air son sin. Bha iad ag earbsadh ri ceartas agus ri cumhachd a’ chlaidheimh, an uair a bha trèubhan seòlta, sanntach ceithir thimchioll orra, a’ gnàthachadh foill, agus a’ faotuinn còirichean sgriobhta air na fearannaibh aig Cloinn Ghriogair, mar so a’ gabhail seilbh orra gu h-eucorach, agus a’ sgiùrsadh nan oighreachan dligheach air falbh. Bha na Griogaraich gu tréun agus gu nàdurra a’ cur an aghaidh nan cùisean droch-bheartach agus eucorach so, agus thug iad gu tric le’n tréubhantas fein, buaidh air an luchd-sàruchaidh. Ach bha e ’na bhochduinn dhoibhsan, gu’n d’rinn an naimhdean innleachd le casaidibh breugach a chur dh’ ionnsuidh an righ, agus ard-uachdarain na tire ’nan aghaidh, a’ deanamh mach nach robh annta ach fine buaireasach, droch-mheineach, foirneartach, a bha ’cur gach lagh agus reachd iomchuidh gu ’n dùlan. Leis na nithibh euceartach so, uime sin, dh’fhàs am fine urramach so, na’n sluagh garg eu-dochasach, agus neo-mhisneachail, gus an do cho-eignicheadh iad mu dheireadh gu bhi ’cur an laithean trioblaideach seachad gu’n suim ’nan cridhe do riaghailt no do lagh duthchail!” C. “Mo thruaigh! a’ Ghoistidh, am bheil fad o’n thoisich na cuisean cruaidh agus cianail sin?” M. “Tha, uine mhor, corr is tri cheud bliadhna. Ri linn na Ban-righinn, Mairi, rinneadh da reachd le Comhairle na rioghachd aig Struidhla ’sa bhliadhna 1563, a thoirt ughdarrais do Shir Ian Caimbeul, Ghlinnurachaidh, agus do dh’uaislibh eile, gu Clann Ghriogair a ruagadh le teine is claidheamh, agus gu cur as doibh, eadar bhun agus bharr, leis gach inneal agus innleachd nan comus Le solas cridhe ghnathaich iad air ball an t-ughdarras so, agus ghlac iad gach cothrom agus innleach chum an dream chalma so a chur a’m mugh. Cha b’fhurast, gidheadh, am Fine gaisgeil agus cruadalach so a chur gu dith, agus a smaladh as. Ach an uair a theid ‘neart thar cheart,’ is mor an sgrios a ni e. Ged a thugadh o’n Chinneach ainmeil so na h-oighreachdan a b’fhearr a bh’aca, gidheadh, bha daingnichean laidir’ aca, anns an robh iad ’gan druideadh fein suas, agus a’ cur nan naimhdean gu’n dulain. Gidheadh mu dheireadh, thug an dubh-eigin orra teachd-an-tir a sholaireadh far am faigheadh iad e. Bha iad, mar so, air an co’-eigneachadh gu bhi frionasach, diorrasach, agus comadh ciod a dheanadh iad. Anns a’ bhliadhna 1589, air doibh a bhi gu trom air an claoidh, agus a thaobh dioghaltais, rinn iad greim air Iain Drummon, a bha ’na fhorsair do’n righ agus aig an am a’ gleidheadh na frithe ann an Gleann Artnigh. Ghrad-ghearr iad an ceann dheth, agus thug iad am mionnan thairis air claiginn fuiltich an Drummonaich gu’n seasadh iad daimheil d’a cheile gu bas, agus gu’m biodh iad dileas d’am fine fein dh’aindeoin co’ theireadh e! Dhuisg so suas corruich an righ, agus ghrad chuireadh a mach, le ordugh an righ, agus a luchd-riaghlaidh, litrichean teine, agus claidheimh an aghaidh nan Griogaireach gu leir, agus an aghaidh gach neach a bheireadh caidreamh no fasgadh dhoibh air son fiu aoin oidhche! Bha so cruaidh da rireadh, agus cha b’fhurast le dian-spiorad nan Griogaireach thruagha cur suas leis. Ach ciod a bha ’nan comus a dheanamh? Bha iad air an ruagadh, air an greasadh do na coilltibh, agus air an druideadh suas anns na daingneachaibh aca anns gach aite.” C. “Mo thruaigh mise, a’ Mhurachaidh, nach uamhasach searbh agus ainiochdmhor a bhuineadh riutha, ach ciod a dh’eirich dhoibh a ris?” M. “Lionadh e leabhar sin innseadh, a’ Choinnich. Re bliadhna na dha an deigh sin dh’fhas iad co garg agus eudochasach ’s gu’n robh iad comadh ciod a dheanadh iad, oir bha iad ann an cruaidh-airc agus eigin, a dh-easbhuidh loin, sgeudachaidh, agus gach goireis a dh’fheumadh iad. Cha’n e mhain gu’n robh na Caimbeulaich naimhdeil dhoibh, le Mac Chailein Mhoir air an ceann, ach bha mar an ceudna Coghunnaich Luis anabarrach dian agus diorrasach nan aghaidh. Mheudaicheadh an naimhdeas so a bha eatorra le droch gniomh a rinneadh le Sir Humphri, Ceann-cinnidh nan Coghuinneach, tighearna Luis. Thachair aig an am so, gu’n do thuit an oidhche air dithis do chloinn Ghriogair, ann an ait araidh air oighreachd Luis, agus chaidh iad a dh’iarraidh chairtealan air tuathanach a bha goirid o’n aite ’san robh iad, ach dhiult e na daoine bochd a ghabhail a steach. Air do’n oidhche a bhi garbh agus anradhach thar [TD 123] [Vol. 5. No. 17. p. 3] tomhas, ghabh iad fasgadh ann an tighmach a bhuineadh do’n tuathanach, far an do las iad teine, agus an do mharbh iad caor air son loin dhoibh fein. Anns a’ mhaduinn dh’ innis iad do’n tuathanach mar a rinn iad, agus thairg iad dha luach na caorach. Air ball, thionndaidh e a chul, agus cha’n eisdeadh e riutha, ach air da cuideachd fhaotuinn, thugadh iad an lathair Shir Humphri, a ghrad thug binn am bais a mach, agus chrochadh an dithis Ghriogaireach bochd air craoibh an la sin fein! Dhuisg so suas dian-chorruich na Fine gu leir, agus runaich an Ceann-cinnidh aca tighearna Ghlinn-Straidh grad dhioghaltas a dheanamh air tighearna Luis agus air a chuideachd gu leir. Ann sin, chruinnich MacGriogair ceithir cheud gaisgeach calma dhe’n fhine aige—chuireadh iad fo’n lan-armaibh—agus gu’n dail sam bith a dheanamh bhruchd iad sios air criochaibh nan Coghunnach. Chual Sir Humphri gu’n robh iad a’ tighinn, agus ghairm e cuideachd a’ chuid daoine leis a’ chrann-taraidh co h-ealamh ’sa bha ’na chomas. Dh’eirich air ball na h-uiread de na Greumaich, agus de fhineachaibh eile air a thaobh, agus rinn e suas comhlann a bha dubailt ann an aireamh ri Cloinn Ghriogair. Air doibh a bhi deas air gach taobh, chomhlaich na gaisgich a’ cheile ann an Gleann-Bhroin goirid o Lus. Thoisich an la, agus ma thoisich bha e garg? Cha b’fhad, gidhead, gus am facas gu’n robh na cuisean a’ dol gu soilleir an aghaidh tighearna Luis, dh’aindeoin lionmhorachd a chuid daoine. Bha moran each aige a mach, ach bha iad a’ tuiteam, agus a’ dol fodha ’sa bhoglaich far an do chuireadh an cath. Bha na marcaich a’ tuiteam fo chosaibh nan each, gu’n chumhachd aca gu eiridh. Bha Clann Ghriogair air bhoil le mireadh-chatha agus clis mar bhoisge an dealain, a’ smaladh sios nan naimhdean air gach taobh. Bha chomhstrith dian, ach cha robh i fad. Chunneas gu’n robh a’ bhuaidh air taobh nan Griogaireach. Bhualeadh na naimhdean le h-eagal, gidheadh chog na Coghunnaich gu treum. Rinn na Griogairich sgathadh agus marbhadh eagallach nam measg, ach cha do chaill iad fein ach fior neoni dhe’n cuid daoine. Bha Sir Humphri fein ann am mor-chunnard a bheatha aig aon am, ach theasairgeadh e le luathas an eich air an robh e ’n a shuidh.” C. “Ma ta, a’ Ghoistidh choir, mo bheannachd agad air son do naigheachd, ach bha na h-amanna sin cianail d’a rireadh, agus is muladach an t-ana-ceartas, a rinneadh air na Griogairich thruagha, le’n naimhdibh fealltach fein.” M. “Cha’n e sin a mhain, a’ Choinnich, oir cha chual thu fathast a’ chuid a’s mhiosa dhe’n ghnothuch. Cha bu leoir na dh’fhuiling iad ’san am a chaidh seachad, ach rinneadh casaidean eucorach nan aghaidh, chum corruich an righ agus a luchd-riaghlaidh a dhusgadh suas gu cur as doibh gu buileach. ‘An deigh baiteil a’ Glinn-Bhroin, bha clach mhor am fagus do’n raoin air an do chuireadh an cath, ris an abradh iad ‘Leachd a’ Mhinisteir;’ agus ma’s fior an sgeul, chruinnich na h-uiread fhicheadan oganach aig a’ chloich so, a thainig á Oilthigh ann an Dunbreatuinn, no ait eigin eile, a dh’fhaicinn a’ chatha. Chunnaic Ceann-Cinnidh nan Griogaireach na h-oganaich, agus air eagal gu’n eireadh cunnart sam bith dhoibh, chuir e iad fo churam duine treun’ a bha’n sin, ris an abradh iad Dughall Ciar Mor. An uair a chaidh teas na h-iarghuill seachad, dh’fhoighneachd MacGriogair de Chiar Mor, cait an robh na h-oganaich? Tharruing Dughall a mach an sgian-dubh aige, dearg le fuil, agus thubhairt e, ‘Cuir a’ cheist rithe sin, agus innsidh i air ball an fhirinn.’ Chuir e gach mac mathar de na h-oganaich gu bas leis an inneal sgaiteach sin a bha na laimh, a’ nochdadh cruadhais a chridhe fein.” C. “Ochan, mo chreach! a’ Mhurachaidh, bha sin thar tomhas aingidh, seadh bha e ifrinneach. Cha’n e sin a mhain, ach air a dheanamh le Griogaireach! Och nan Och! N’am bu Coghunnach e, no Greumach, no Caimbeulach cha bhiodh ioghnadh orm, ach a bhi air a dheanamh le Griogaireach! Tha naire orm, a charaid, agus cha b’urrainn mi a bhi air taobh cinnich a cheadaicheadh gniomh co sgreaduidh.” M. “Air do shocair, a’ Choinnich, air do shocair, agus dean foighidinn gus an cluinn thu an t-iomlan. Cuiream an ceill duit le solas, nach ’eil dearbhadh sam bith gu’n do thachair a leithid riamh. Cha’n ’eil anns a chuis so, ach gniomh a chuireadh gu h-eucorach as leth Chloinn Ghriogair, chum droch cliu a thogail orra ’san am, agus chum an deanamh iomraiteach air son dortaidh fola air feadh na rioghachd. Cha d’rinneadh an gniomh fuilteach so le Dughall Ciar Mor, no le Griogaireach eìle riamh; oir nam biodh iad ciontach dheth, bhiodh iad air an tarruing air a shon air beulaobh Ard-chomhairle na rioghachd, Is leoir na rinn iad, ach tha na rinneadh orra mile uair ni’s mo! Goirid an deigh la Ghlinne Bhroin, chuireadh aon fhichead deug banntrach a chaill an companaich ’sa chath sin, suas gu Struidhla, dh’ionnsuidh Righ Seumas VI. B’iongantach an sealladh iad, oir bha gach aon de na bantraichibh sin ’na suidh air gearran ban, le sleagh ’na laimh, air an robh leine a’ companaich an crochadh, dearg le fuil! Shuidhicheadh an da fhichead deug leine air beulaobh an righ, agus chuir ìad faiteachas air a chridhe. ’N aon fhocal, dh’fhas na cuisean co searbh, is nach robh, a’ chridhe aig mac mathar de Chloinn Ghriogair an ainm fein aideachadh. B’eigin doibh ainmean eile a ghabhail d’an ionnsuidh fein, agus fantuinn o cheile, oir n’am faighteadh ceathrar dhiubh cuideachd a mach no ’stigh, chuirteadh gu bas iad! Bha iad mu dheireadh gu searbh air an claoidh, air an ruagadh, agus air an geur-leamhuinn le’n naimhdibh fein, a bha gach la a’ deanamh chasaidean eucorach nan aghaidh ris an righ, chum gu’n cailleadh iad na fearannan farsuing a bha iad o chein a’ sealbachadh. Bha Mac Chailein Mhor, Diuchd Athoil, Morair Hundaidh, agus moran eile le seoltachd a’ cur as doibh.” C. “Ach c’ait an robh na h-oighreachdan aig Cloinn Ghriogair o shean, oir cha’n ’eil moran aca an diugh?” M. “C’ait nach robh iad, a’ Choinnich? Bha ach beag gach cearnadh, gleann, srath, agus beann, eadar taobh tuath Raineach deas gu Dunbreatuinn agus Comhail, mar a ta Gleann-Liobhainn, Gleann-Lochaidh, Gleann-Falloch, Gleann-Urachaidh, Gleann-Strathaidh, Gleann-Dochart, Srath-Faolain Braidealbain, Bochudair, agus moran aitean eile mar sheilbh aìg an Fhine rioghail so ach a nis chuireadh iad gu criochan cumhann. Tha, gidheadh, aon chomhfhurtachd aca a nis. Fhuair iad buaidh air an naimhdibh fein, agus cheaduicheadh dhoibh an ainmean fein a ghnathachadh a ris.” C. “Ro cheart, a’ Mhurachardh, fhuair iad buaidh ann an seadh air an naimhdibh, ach cha d’fhuair iad am fearannan fein air ais. Cheaduicheadh dhoibh an ainmean fein a ghnathachadh a ris, ach tha iomadh aitim agus treubh ’san rioghachd a bha ’nan Griogairich an toiseach, a thionndaidh gu ainmean eile a chleachdadh, agus nach do dhealaich ris na h-ainmean coimheach sin, agus a nis nach dealaich, ged a dh’fheudadh iad sin a dheanamh.” M. “Tha sin uile mar a thubhairt thu, a’ Choinnich, ach comadh co dhiubh, is taitneach eolas a bhi againn air eachdraidh Fine co urramach agus cliuiteach.” C. “Mile taing dhuitse, a’ charaid, oir thug thu fios domh air eachdraidh chinnich mo dhithis shean-mhathar nach cual mi riamh; agus bu chinneach iad aig nach robh coimeas a thaobh an aireimh, an cumhachd, an cruadail agus an dilseachd.” M. “Ud! Ud! is fhurast a thoirt fa’near agus a thuigsinn, a’ Choinnich, gu’n robh dàimh agad ris a’ chinneach ghaisgeil sin, oir tha e soilleir gu’m bheil deur beag dhe’n fhuil rioghail a’ ruith ann an cuislibh Choinnich Chiobair.” C. “Biodh sin mar a dh’fheudas, a’ ghraidh nam fear, leigidh sinn leis na Griogairich choir’ a nis; cha’n ’eil fios, gidheadh nach feud Murachadh Ban eachdraidh a thoirt dhuinn la eigin an deigh so, air a’ ghaisgeach chalma agus theo-chridheach sin Rob Ruadh MacGriogair! Cha’n ’eil fios ciod a dh’fheudas teachd mu’n cuairt; ach aig an am, rachamaid a dh’fhaicinn am bheil goireas freagrach sam bith aig Seonaid air ar son. Thig air t-aghaidh, a’ Ghoistidh, agus thugamaid ceann-shuas an tighe oirnn.” ALASDAIR RUADH. Chaochail Deòrsa Washington air an uair mu dheireadh dhe’n latha, air an latha mu dheireadh dhe’n t-seachdain, air aa latha mu dheireadh dhe’n mhios, air a mhios mu dheireadh dhe’n bhliadhna, agus air a bhliadhna mu dheireadh dhe’n ochdamh linn deug. [TD 124] [Vol. 5. No. 17. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, OCTOBER 31, 1896. ’Se Di-màirt s’a tighinn an latha mor anns na Stàitean. Sin an latha dh’innseas co a tha gu bhi air an stiùir re nan ceithir bliadhna tha tighinn, McKinley no Bryan; Cha’n e ’m furasda sin innse riomh laimh, oir, rud a tha nàdurra gu leòr, tha ’n dà phairtidh ag radh gu’n taghair an duine fhéin, agus bidh iad ag radh sin gus am bi an latha seachad. Bidh fhios an uair sin cia mar a bhios an dùthaich air a riaghladh fad nan ceithir bliadhna tha romhainn, ged nach bi am fear a bhunnnaicheas air a chur dh’ an dreuchd gus an ceathramh latha dhe’n Mhàrt. Am mach as na Stàitean fhéin tha na daoine ’s glice anns gach dùthaich an dochas gu ’n teid an latha le McKinley oir tha iad a meas gu ’m biodh soar-chùinneadh an airgeid, rud a tha Bryan ’s a phàirtidh a cur rompa a bhios air a dheanamh, na ni cronail do ’n dùthaich; ach tha moran de luchd-leanmhuinn aig Bryan anns na Stàitean, agus cha ’n eil fhios nach fhaodadh gur h-e gheobhadh a stigh. Ach mar a tuirt a dall, ‘chi sinn.’ Tha pris a chruithneachd air eiridh gu mor o chionn da sheachdain. Chaidh cho àrd ri 93 sent am buiseal a phàigheadh air a chuid a’s fhearr de chruithneachd Mhanitoba, ach tha a phris air tuiteam beagan uaithe sin. Fàgaidh pris àrd a chruithneachd am flùr daor, ach cha dean tuathanaich Mhanitoba gearain sam bith air sin; mar a’s daoire ’m flùr ’sann a’s fhearr dhaibhsan. Cha’n eil bàs duine gun ghràs duine. Tha tuathanach ann an Stàit Massachusetts an deigh a nighean a ghealltuinn do dhuin’ òg a tha ’ga h-iarraidh, ach feumaidh e dàil a chur ’sa phòsadh gus am bi Bryan air a thaghadh. Tha cuid dhe choimhearsnaich a’ fàgail air a bhodach gur h-ann a tha e air son a nighean a chumail aige fhéin, oir ma dh’ fheitheas am pòsadh ri taghadh Bhryan, tha iad ag radh, cha bhi e ann idir. Sar Ruisia. Cha dean math dhuinn a bhi labhairt gu h-olc mu Iompaire Ruisia tuilleadh; tha cuid-eigin air a dhearbhadh gu soilleir gur-a Gàidheal e. Tha e air a radh gu robh an Sar Pòl, athair Nicholas I., na latha fhein air chuairt ann an Sasuinn, agus am feadh ’sa bha e an Lunnainn gu fac’ e ann an sin, aon latha, a’ marcachd eich, nighean òg uasal de Chloinn-Ghriogair. A chead sealladh a fhuair e dh’ i, ghabh e meas oirre; fhuair e eòlas a chur oirre, agus mu’n do dh’ fhàg e Lunnainn, phòs e i, agus b’ e Nicholas I. am mac. Ma tha ’n sgeul so fior, ’s e Sàr an latha diugh iar-ogha na bana-Ghriogairich, agus a réir sloinnteireachd nan Gàidheal is Griogarach e-fhéin. Air dha sin a bhi mar sin, nach beag an t-ioghnadh ged a bhlàthaicheadh a chridhe ri Tir an Fhraoich, agus ged a sgeadaicheadh e e-fhéin anns an deise Ghàidhealaich! SEARMON MATH.—Bha an t-Urr. Tormaid Mac Leòid uair a searmonachadh ann an cearna de Shiorrachd Earra-Ghàidheal, far nach b’ urrainn coire bu mhotha bhi air searmon na am ministeir ’ga leughadh. ’Nuair a sgaoil an coithional, bha seanabhean a bha ’san éisdeachd a moladh ’sa sior-mholadh an t-searmoin. Ars ise ri bana-choimhearsnach, “An cuala tu riamh a leithid?” “Cha chuala gu dearbh,” ars an té eile, “ach gu de dha sin ’s gur e leughadh a rinn e.” “A leughadh!” ars ise, “ma ta ’s mi bhiodh coma ged a be fheadaireachd a dheanadh e. ’S e searmon math a bh’ann co-dhiu.” Tha teachdaire tha saoithreachadh a measg nan iasgairean ann an Labrador ag innse gu bheil bochduinn mhor a measg an t-sluaigh ’sna cearnan sin air an fhoghar so; cha’n ’eil biadh aig moran dhiubh ach am beagan flùir is urrain na teachdairean a thoirt dhaibh. Tha e ’g radh gu faigh a chuid a’s motha dhiubh bàs an taobh a stigh de dha mhios mur cuirear cuideachadh g’ an ionnsuidh. Tha riaghladh Newfoundland a dol a dheanamh an dichill, ged nach eil a bheag aig muinntir an eilean sin a bharrachd air na dh’fheumas iad fhéin. Tha an Sultan an dràsda leagail cise air a chuid iochdaran, ’s e cur roimhe muillein punnd Sasunnach a chur cruinn air son e fhéin a dhion o na naimhdean. Tha aig gach aon de iochdarain ri faisg air coig dolair a phaigheadh dha. Tha e tuigsinn nach eil latha na tòrachd fada uaithe. Tha a’ chaitheamh uamhasach cumanta ann an Sasuinn. Tha e air innse nach eil na’s lugha na tri deug as gach ceud bàs air aobharrachadh leis an euslaint so. Am measg na feadhnach a tha ’g obair an Telegraph, ’si ’chaitheamh a tha toirt bàs da fhichead ’sa sia as a h-uile ceud. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 125] [Vol. 5. No. 17. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chuireadh còrr us ceithir mile caora air falbh gu Boston à Summerside, E. P. I., air an fhoghar so. Ann am Bellville, an Ontario, an la roimhe, phòs Tomas Jones agus Mrs. Vans; tha esan ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus ise tri fichead ’sa deich. ’S i ’n oidhche nochd oidhche Shamhna. Tha sinn a creidsinn nach bi uiread cluich air feadh na dùthcha ’sa b’ àbhaist a thaobh an t-Sàbaid a bhi cho faisg. Tha beagan sneachda air sileadh cheana an cearnan de Chuibeic ’s de dh’ Ontarìo; cha’n fhada gus am faod sùil a bhi againn ris anns an dùthaich so cuideachd. Rinn na h-uisgeannan troma bh’ ann air a mhios so call mor air sràidean Halifacs. Thatar a’ deanamh a mach gu’n gabh e fichead mile dolair gus an cur ’san t-suidheachadh ’san robh iad roimhe. Tha muinntir Shidni Tuath gu trang a’ cur a stigh obair-uisge. Tha dùil aca na pioban a bhi uile fo’n t-sràid mu dheireadh an ath mhios, ach cha bhi ’n obair uile deas air a’ gheamhradh so. Tha na ’s lugha de shoithichean iasgaich Geancach air na cladaichean so na bh’ ann o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha ’n rionnach cho gann ’s nach eil e pàigheadh dhaibh a bhi tigh’n air a thòir. Tha na geòidh fhiadhaich air tòiseachadh ri dhol a deas. Chunnacas àireamh mhor dhiubh air an t-slighe air an t-seachdain so. Tha so ag innse gu bheil an geamhradh gu tighinn tràth air a’ bhliadhna so. Tha an t-Urr. Uisdean Gillios, sagart Antigonish, a fàgail na sgireachd sin air an t-seachdain so. Di-donaich s’a chaidh an deigh na h-aifhrinn, thug an sluagh dha mile dolair mar theisteas air am mor spéis ’s an deagh dhùrachd dha. Bha teine mor ann an Chicago Di-luain s’a chaidh. Bha da thogalach mhor làn gràin air an losgadh, agus cha’n urrainn an call a bhi cho iseal ri muillein dolair. Bha còrr us da cheud deug gu leth mile (1,250,000) buiseul cruithneachd air a losgadh. Chaidh caileag bheag le Iain Cleireach, aois thri bliadhna, a losgadh gu bàs ann an Charlottetown, a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh. Chaidh a màthair a mach, agus mu ’n do thill i, bha ise air a losgadh cho dona ’s gu’n do chaochail i an ceann beagan ùine. Tha na h-ùbhlan anabarrach pailt ann an Gleann Annapolis air an fhoghar so. Thatar an deigh dlùth air seachd fichead mile (140,000) barailte ’chur air falbh gu Sasuinn a cheana, agus thatar a meas nuch lugha na ceithir cheud mile barailte na tha anns an dùthaich fhathast. Tha mèinn Victoria air a cur ’na tàmh a rithist leis an uisge bhi tigh’n a stigh oirre, ach bi’dh i air obair a rithist an ceann beagan lathaichean. Bha a mhèinn so gle mhi-fhortanach air a bhliadhna so. Tha dùil ris na mèinnean eile bhi ’g obair gu trang eadar so us bliadhn’ ùr. Tha muinntir Shidni a Tuath a’ cur rompa stad a chur air creic deoch-làidir agus air gnothuichean mi-rianail eile bha ’dol air adhart anns a’ bhaile sin, agus cha do thòisich iad tuilleadh us tràth idir. Ann am bade Yarmouth, N. S., an la roimhe fhuaireadh ochd duine deug ciontach de chreic deoch-làidir gu mi-laghail, agus chaidh càin a chur air gach aon dhiubh. Rinn na phàigh iad uile, eadar chàin us chosguis, suas faisg air da cheud deug dolair. An deigh so cha bhi am Marion a ruith eadar Sidni us Hogamah ach aon uair ’san t-seachdain, a’ falbh á so Di-luain ’sa tilleadh Di-màirt. Agus cha bhi am May Queen a’ dol eadar Baddeck ’s na Narrows Mhora ach aon uair ’san latha. Bha ’n soitheach-smuide Durham City anns an acarsaid toiseach na seachdain air a turus eadar Montreal agus an t-seann dùthaich. Bha luchd de chrodh ’s de chaoraich aice air bòrd. Thachair droch shide oirre faisg air eilean Anticosti, agus chaidh tri fichead ceann cruidh a sguabadh bhar a clar-uachdair, a bharrachd air milleadh a dheanamh air an t-soitheach fhéin. Thatar o chionn treis mhath a dh’ ùine a toirt oidhearp air airgead a chur cruinn air son càrn-chuimhne chur suas do’n Onarach Ioseph Howe, duine bha gun teagamh airidh air an urram sin a chur air, ach cha d’ thainig moran adhartais air fhathast. Cha’n eil teagamh co-dhiu nach teid an gnothuch leotha, agus gu’m bi an càrn air a chur suas an uine gun bhi fada. Tha fios air tighinn as an Iar-Thuath ag innse gu’n deachaidh mort a dheanamh am measg nan Innseanach o chionn da sheachdain air ais. Mharbh fear d’an ainm Droch-Dhuin’-Og, fear d’ am b’ ainm Seann-Duine-Leighis. Bha an duin’ òg ag iadach ris an t-seann duine, agus an deigh dha a mharbhadh theich e, a’ thoirt leis na te a bha cur eatorra. Tha na maoir air a thòir, ach gu ruige so cha d’ rug iad air. Iadsan a Phaigh D. M. MacMhuirich, Sidni. M. L. MacFhionghain, Lakevale. H. C. Mac Aoidh, Malagawatch. T. C. Mac-an-Toisich, Malagawatch. Gilleasbuig Mac Aonghais, Roseburn. Tearlach R. Mac Leoid, Framboise, Bean D. T. Dhomhnullaich, Mabou. Iain A. Domhnullach, Loch Bhlackett. Seumas Patterson, Loch Bhlackett. Ailein Mac Leoid, Whitney Pier. Ruairi Mac-Philip, Gut-a-Tuath. Micheil I. Mac-Ille-Mhaoil, cul Cobh a Bhiobhair. An t-Urr. Niall Mac-Mhuirich, Loch Ainslie. Ceit Dhomhnullach, Broad Cove Marsh. Aonghas Domhnullach, Sidni Tuath, $2.00 Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath, $1.50 Bean Neill ’Ic Leoid, Beinn Chain. Anna Mhàrtuinn, Meinn Ghardiner. Dora Ghillios, Gleann-nan-Sgiathanach. Aonghas Mac Fhionghain, New Canada. Ailein Mac Gilleain, Halifax, N. S. D. A. Gillios, Halifax, N. S. Domhnull Camaran, Stellarton, N. S. Iain R, Siosal, Glassboro, N. S. Donnachadh Siosal; Meinn Acadia, Murachadh Mac-Laomain, Springton, P. E. I. Aonghas N. Mac-a-Phì, Heatherdale, P. E. I. Iain Mac-a-Phi, Heatherdale, P. E. I. Eoin Mac Gilleain, Heatherdale, P. E. I. Ruairidh Moireastan, Mac Crimmon, P. O. Ont. Aonghas Mac Fhionghain, Skye, P. O. Ont. Uisdean Mac Colla, Strathroy, Ont. Murachadh Mac Rath, Ottawa, Ont. Aonghas Mac Aoidh, Providence, R. I. Bean Eachuinn Dhughlaich, Exeter, N. H. Eobhan A. Gillios, San Francisco, Cal. Iain Rothach, Rudha Mharsden, New Zealand. Alasdair Ceamp, Rudha Mharsden, New Zealand. Calum Buchanan, Kaurihohori, New Zealand. Nic-Dhonuill na Ceapaich, Lunnainn, Sasuinn. Bean C. Lister, Rivers, Dursley, Sasuinn. POSAIDHEAN. Air an Eilean Mhor, air an fhicheadamh latha dhe ’n mhios so, leis an Urr. D. Drummond, Eachunn Corbett, Boulardarie, us Anna Nic-Gilleain, Grove’s Point. BAS. Ann am Malden, Mass, air an 18 mh. la de September, Aonghas Dughlach, mac do Aonghas Dughlach, am Broad Cove, C. B., 36 bliadhna dh’ aois. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 126] [Vol. 5. No. 17. p. 6] AM BONN AIR AN ROBH COMHARRADH. (Air a leantuinn.) Chaidh càch air adhart le,n cluich.—bha e furasd’ fhaicinn nach d’thug an seòladair fa-near gu’n do chaill e am bonn. Lean e roimhe air bruidhinn ’s air gàireachdaich—ach bha m’inntinn-sa air a cur troimh-chéile gu dona. Bha an sid, fo bhonn mo choise, a’ cheart ni a bha dhith orm. Leis a’ bhonn so—bu bhonn da crùn e—dh’ fhaodainn Southchester a ruigheachd, agus theagamh gu’m beirinn air bràthair m’athar beò. Ach cha b’e mo chuid fhéin a bh’ann. B’e mo dhleasanas a thogail agus a thoirt dh’an fhear d’am buineadh e. Ach an deigh sin cha’n ionndrainneadh esan e. Smaoinich mi air an liuthad bonn eile chunnaic mi ’na dhòrn, agus thuirt mi rium fhein gu’m bu shuarach leis-san an uiread sin aige no uaithe. Ach mise— Bha luchd na cluich aig ceann eile ’bhùird, bha an aire gu h-iomlan air a’ chleas, agus cha robh duine ’g amharc an taobh a bha mise. Chrom mi agus thog mi am bonn. Ann am priobadh na sùla bha mi muigh air an t-sràid, a’ coiseachd gu bras agus m’ aghaidh air cala ’n rathaid-iaruinn. Bha e doirbh dhomh m’ anail a tharruinn—bu mheairleach mi—a cheart cho ciontach ri iomadh fear a bha fo ghlais am priosan na siorrachd. Bha leth-dhùil agam, gach ceum a rachainn air adhart, ri làmh throm fhaireachadh air mo ghualainn, agus guth làidir ag innse dhomh gu robh mi air mo ghlacadh. Ach lean mi romham, ’s fhios agam gu robh mi tearuite ’s nach robh dòigh air mo bhrath. Stad mi fo sholus agus sheall mi air a bhonn. Mar a shaoil leam, bu bhonn dà chrùn e, agus bha làrach tri-chearnach air an darra taobh dhe, air a dheanamh mar gu’m b’ann le geilb. Chuir so nàdur eagail orm—na’n ionndrainneadh an seòladair an t-airgead ’s gu’m biodh beachd aig air a’ chomharradh ud, co aige bha fhios nach fhaodte a lorgachadh ugam-sa? Ghreas mi orm ’s mi air son faighinn cuibhteas am baile. Air dhomh tionndadh sios caol-shràid a bha ’g am threòrachadh dh’ionnsuidh a’ chala, chunnaic mi bùth ceannaiche-gheall (pawn-broker) agus chuir sin smaoin eile stigh orm. Dh’ fheumainn air a h-uile cor an seòladair a phàigheadh air ais. Bheireadh Mairi dhomh de dh’ airgead na dh’fhoghnadh—bha mi cinnteach á sin—agus thillinn air ais gu Hillford agus shirinn an gille mach, agus bheirinn dha na deich tasdain a ghoid mi air, an dearbh bhonn so fhéin na’m b’ urrainn domh. Chaidh mi steach do’n bhùth, agus sheas mi fa chomhair an fhir a bh’ air cùl a chùnntair. “So,” arsa mise, ’s mi cur a bhuinn m’a choinneamh, “an gabh thu sid an geall air deich tasdain?” Thog e am bonn, agus dh’amhairc e air, agus an sin gu h-àmharusach ormsa. “Nach e deich tasdain a tha ’n so?” ars esan, “Ciod is ciall duit?” “’S ciall domh na tha mi ’g ràdh,” arsa mise. “Sin agad bonn ris nach eil toil agam dealachadh, agus ’se ’m bonn mu dheireadh a th’ agam. Thoir dhomh deich tasdain air a shon, agus saoraidh mi e an ceann seachdain no dha. Siuthad, a dhuine, ’s fhiach am bonn deich tasdain latha sam bith.” Sheall e orm le ioghnadh. Dh’ fheuch e am bonn le fhiacail, ’s sheall e air na bu ghéire na rinn e roimhe. “Bheir mi dhuit naoidh tasdain air,” ars esan. Smaoinich mi car tacain. Bheireadh ochd us ceithir sgillinn mi gu Southchester agus bha deich sgillinn agam fhéin. “Gle cheart,” thuirt mi ris. “Ach feuch gu’n toir thu ’n aire air a bhonn—dh’aithnichean e am measg ceud—tha comharradh agam air.” Thug e dhomh an t-airgead, agus dh’ fhalbh mi. Bha sùil àmharusach aig orm fhad ’sa bha mi ’na shealladh, ach thog mise rithe ’s thug mi an cala orm. Mu’n robh coig mionaidean air a dhol seachad bha mi air a’ charbad, agus e cur smùid as an rathad gu Southchester. Thug an t-seachdain an deigh sin iomadh ni mu’n cuairt. Rainig mi an t-seann dachaidh mu’n do chaochail bràthair m’ athar, agus fhuair mi dearbhadh o bhilean féin nach robh e ’g altrum droch smuain sam bith dh’ am thaobh a chionn mi bhi cho fada ’nam bharail fhein. Dh’ innis e dhomh anns na mionaidean deireannach gu robh e fàgail beagan dìleab agam, agus dh’ earb e rium a bhi gu math do Mhàiri. Ach ged bu mhor mo mhiann air caoimhneas a nochdadh dh’i, cha d’ fhuair moran cothrom air sin a dheanamh; oir cha d’ fhuair Màiri riamh thairis air bàs Roib; chaochail i ’s dh’ adhlaiceadh i mu’n do ruith seachdain. Cha robh duine cloinne aca fhéin, agus bu mhise ’n aon dileabach. Mar sin, direach seachd latha ’n deigh dhomh Hillford fhàgail, leis na fhuair mi air son a bhuinn a ghoid mi ’na mo peòcaid, fhuair mi mi-fhéin ’na mo mhaighstir air còig ceud punnd ’sa bhliadhna. Bha iomadh ni ri dheanamh, agus bha moran ghnothuichean agam ri chur air dòigh, ach a’ cheud chothrom a fhuair mi, chuir mi m’ aghaidh air Hillford, air son Nic-a-Ghobha a phàigheadh, agus mar an ceudna ’m bonn òir a ghoid mi a thoirt air ais dh’an t-seòladair. Bha ionghnadh gu leòr air Nic-a-Ghobha m’ fhaicinn; dh’aidich i nach robh dùil aice m’ fhaicinn gu bràth tuilleadh, ach bha i anabarrach taingeil an t-airgead fhaotainn, agus ’s iomadh beannachadh a rinn i orm ’nuair a bha mi ’fagail a doruis. Ach an seòladair cha ghabhadh faotainn—cha robh fhios aig duine thachair orm air a bheag m’a dheibhinn. Bha fear an taigh-òsda cinnteach nach buineadh e dh’an bhaile, nach robh ann ach fear a bha ’gabhail an rathaid. Rinn mi m’ uile dhichioll air fhaotainn, ach dh’ fhairthlich orm. Ach chaidh mi do ’n bhùth, agus shaor mi am bonn òir; agus ’nuair a thill mi gu Southchester, chuir mi fo ghlais e, a’ cur romham a ghleidheadh, gun fhios nach robh an dàn dhomh fhéin ’s dh’an t-seoladair tachairt air a’ cheile ’rithist. Bha mi nise air mo dheagh dhòigh, agus cha robh guth tuilleadh air a bhi ’nam chleasaiche. An aite sin ’sann a thòisich mi air togail fhlùraichean—ròsan gu h-àraid—obair a bu ghle thoigh le Rob bràthair m’ athar. An ceann treis a dh’ ùine phòs mi. Bha mi cur mo shaoghail seachad gu socair, sona. Bha mo leabhraichean, mo ghàradh, agus mo phìob agam, agus ma bha mi ’caitheamh m’ ùine car diomhain, faodaidh mi radh co-dhiù nach robh mi ri cron. Ach bha cuid de mo nàbuidhean an dùil gu’m bu chòir dhomh beagan aire thoirt do chuisean-riaghlaidh a’ bhaile, agus rinn iad comhairleach dhiom, agus an deigh sin fhuair iad mo chur a stigh mar fhear-ceartais. A mach uaithe sin, bha mi air mo chumail trang air dòigh ùir. Ma’s math mo bheachd, ’s ann direach deich bliadhna ’n deigh bàs bhràthair m’ athar ’sa mhna, a chaidh mi aon mhaduinn bhriagha shamhraidh sios do thalla a bhaile a ghabhail m’ àite air cathair a’ bhreitheanais. Thachair nach robh de luchd-ceartais ann an latha sin ach mi-fhéin. Chuir an cléireach a cheann a nall ’s rinn e cagar rium, ag radh nach robh de chàsan ri ’m feuchainn ach a dha no tri, agus nach robh ach aon dhiubh sin a b’ fhiach an t-saothair. Chuireadh iad an càs sin air mo bheulaobh an toiseach—agus air ball thug na maoir a stigh duin’ òg ann an deise seòladair-airm, agus air an robh coltas a bhi air a nàrachadh air son an t-suidheachaidh anns an robh e. Thug mi sùil neo-shuimeil air an toiseach, ach air dhomh amharc beagan na bu dlùithe air, dh’ aithnich mi co bh’ agam, agus cha bu duin’ eil e ach an seòladair o’n ghoid mi am bonn òir. Bha m’ eanchainn air ball ’na breislich, ach bha fhios agam nach robh e ’g am aithneachadh, agus rinn mi mi-féin a stòldadh, agus dh’ éisd mi ris na fianuisean. Tha e coltach gu robh e aig an àm so na mheat air soitheach-smùide a bha dol thar a chuain, agus gu robh e cur seachad latha no dha ann am fear de na bailtean beaga bha faisg air laimh. Thainig e gu Southchester, agus air dha tuilleadh ’sa chòir òl, thuit e ann an lamhan nam maor, agus chuir iadsan air ball fo ghlais e. Cha deach e as àicheadh ni dhe so, ach ’s ann a bha e anabarrach duilich gu’n do thachair a leithid dha, agus bha e ’guidhe oirnn a leisgeul a ghabhail. Thuirt e gu robh e air uaireannan gle ghòrach, agus a deanamh iomadh ni nach bu chòir dha dheanamh. Dh’ òrduich mise gu’m pàigheadh e deich tasdain agus a’ chosguis, agus air dhasan sin a chluinntinn dh’ atharraich e dreach. Thug mi cagar do na maoir a chumail aca beagan ùine, agus chaidh mi air adhart leis na càsan eile. An deigh dhomh an cur a thaobh, chaidh mi dh’an t-seòmar anns an robh [TD 127] [Vol. 5. No. 17. p. 7] e-fhéin ,s na maoir a feitheamh. Bha an t-oifigeach a bhiodh a’ gabhail an airgeid an sin agus thuirt e rium, “Cha’n eil sgillinn airgeid aig an duin’ òg ud. Tha e smaoineachadh gu’n deach a ghoid air no gu’n do chaill e e an raoir nuair a bha ’n daorach air; ach tha e ’g radh ma bheir sibh cead dha a dhol a null dh’an bhaile ’s fhaisge far a bheil a chàirdean, gu’n cuir e ’n t-airgead g’ ur n-ionnsuidh gun dàil.” “Thoir a stigh an so e,” arsa mise. “Bruidhnidh mi fhein ris.” ’Nuair a thàinig e stigh, dhuin mi an dorus agus dh’ iarr mi air suidhe. “Agus cha’n eil sgillinn airgeid agad?”arsa mise. “Cha ’n eil,” ars esan, chaidh mi car thar mo dhòigh an raoir, agus,”— “Am bheil cuimhn’ agad orm?” arsa mise, “Seall gu math orm.” Sheall e orm le ioghnadh. “Cha’n eil,” ars esan. “Cha’n eil gu dearbh—cha’n fhiosrach mi gu faca mi riamh sibh.” “Am bheil cuimhn’ agad air a bhi ’cluich bhilliards ann an tigh-òsda Hillford, deich bliadhn’ air ais—air feasgar geamhraidh?” arsa mise. “Tha, gu dearbh,” ars’ esan, “Bha mi anns a’ bhaile ag amharc air seann charaid, agus chaidh mi dh’ an tigh-òsda fhad ’sa bha mi feitheamh ris a charbad. An robh sibhse”— “Bha mise ’san tigh-òsda aig a cheart àm,” fhreagair mi, “agus ghoid mi bonn da chrùn ort-sa.” Thug e sùil orm le barrachd ioghnaidh ’sa rinn e roimhe. “Ghoid sibh bonn da chrùn orm-sa!” ars esan. “Cha’n eil mi ’g ar tuigsinn.” Dh’innis mi an sin dha facal air an fhacal mar a’ rinn mi innse an so. ’Nuair a thug iomradh air a chomharradh a bh’air a’ bhonn, thainig e gu ’chuimhne. “Agus a nise,” thuirt mi ris, “Dean rium mar is àill leat. Ach mur cuir thu an sàs mi, pàighidh mi do chàin, agus do chosguis, agus gheibh thu do dhinneir còmhla rium, agus chi thu am bonn. Ciod a tha thu ’g radh?” “Tha mi toileach,” ars esan, “gle thoileach.” “Ach tha mi ’g iarraidh aon fhàbhar eil’ ort,” arsa mise, “agus ’se sin gu fàg thu am bonn agam.” Dh’aontaich e ri sin cuideachd, agus tha am bonn òir agam fhathast, air a ghleidheadh gu cùramach ann am bocsa beag gloinne, mar chuimhneachan air a cheud uair ’s an uair mu dheireadh a rinn mi gniomh meairlich.—Eadar. o Bheurla J. S. Fletcher. Tha iomadh cleachdadh neònach aca ann an Ruisia mu àm pòsaidh. So aon diubh; ‘nuais a ruigeas cuideachd na bainnse dorus na h-eaglais, tha a chàraid òg a toirt roid a dh’ ionnsuidh na h-altair; ge b’e co aca ruigeas an altair an toiseach, ’s ann aige bhios riaghladh an taighe. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. [TD 128] [Vol. 5. No. 17. p. 8] Niagara. LEIS AN URR. D. B. BLAIR, NACH MAIREANN. A Thi mhoir a chruthaich na Duilean, ’S a shocruich an Cruinne, Le d’ ghairdean cumhachdach neartmhor, Air a bhunait; ’S gloirmhor an obair a rinn thu, Niagara ainmeil, An t-Eas mor a rinn thu chumadh, ’S an t-sean aimsir. ’Sud an t-Eas ioghantach loghmhor, Eas mor na garraich, Eas ciotranach liaghlas na smuidrich ’S na buirich ghabhaidh; Eas fuaimearra lobhar na beucail A leam na steallaibh Thar bhile’ nan creagan aosmhor, Na chaoiribh geala, Gu sridagach, sradagach, sneachdgheal ’S a dhreach soilleir; A tearnadh ’o bhraigh gu iochdar, Le dian bhoile’; Sruth uaine briseadh ma mullach, ’S e ruith na dheannaibh, Thar bharradh nan stocan airda, Le gair’ mhaireann; Le slachdruich ghailbheach a’ tuiteam, An slugan domhainn, Gu linneachaibh du-ghorm doillear, A goil mar choire, An t-aigeal ga thionndadh o’n iochdar, Le fior ainneart, ’S an glas uisge ’bruchdadh an uachdar, Le luaths saighde; An linne ga shoistreadh ’s ga maistreadh, Troimhe cheile. ’S i fosgladh a broillich-duibh, Ris na speuraibh. B iogtantach an sealladh bhi faicinn, Deatach liath-ghlas, Ag èirigh anns an athar, Ri latha grianach; ’Nuair shealladh tu fad air astar, Air an ioghnadh Se theireadh tu gur bata-toite, A bh’ ann le smuidrich: Ach ’nuair thigeadh tu ’m fagus da Ghabhail beachd air, Throm-fhliuchadh an cathadh caoir-gheal Le braonaibh dealt thu, ’S chitheadh tu am bogha frois Le dhathaibh sgiamhach, Ged bhiodh side thioram shesgair, Anns an iormailt. Am min-iusge a tuiteam mu’n cuairt dhuit, Air an ailean, ’S an fhaiche gu h-urail uaine, Mar a b’ aill leat; Na craobhan a cinntinn dosrach, ’S lusan ùr-ghorm, ’A fas le feartaibh na greine, Gu reith fo ’n driuchd ud. Na liosan a tha mu d’ thimchioll. Cha’n iarr uisge, Chan aithne dhoibh idir tiormachd Ri aimsir loisgich, Cha tuigear leo ciod a ’s ciall do Bhi gun fhliche, Ged thean’icheadh gach aite mun cuairt doibh Mar chruas cloiche. Tha ’n t-athar gun ghoinne gun chaomhnadh A’ taomadh feartan A storas do-thraoghadh na h-aimhne Gu saoibhir beartach: Dh’fhag aghaidh an fhuinn ud A dh’oidche ’s a latha Gu h-urail uaine-fheurach aluinn, A’ fas gu falain, Nuair theirneadh tu sios do ’n t-slugan Gu oir an uisge, Bhodhradh an tormanaich uamhaidh, Do chluasan buileach. Nuair shealladh tu ’n sin mun cuairt duit, Air a’ chas-shruth Chuireadh e do cheann ’na thuaineal, ’S tu ’nad bhreislich; Us nuair thigeadh tu ’m fagus do ’n Phlaide lia-ghlais, Tha ’n crochadh ri aghaidh na creige, Bhiodh geilt us fiamh ort, Nuair sheideadh a’ ghaoth gu laidir ’S an t-uisge frasach ’Ga chathadh gu fiadhaich a d’ aodunn, Gach taobh g’ an teich thu, Mar latha gailbheach ’san fhaoilteach Le gaoth us uisge, A fhliuchadh am prioba na sul thu, ’S a dhruigheadh tur ort. Mar osaig o inneal seididh, Fuirneis iaruinn, ’S amhluidh ghaoth sgalanta chruaidh ud, Thig le dian-neart, Eadar a charraig agus a steall a tha Nuas a’ tuiteam: An comdach a tha air do cheann ’S gann gu fuirich; Shoileadh tu gun d’ eirich doinionn Anns an iarmailt; Ach trian chan urainn mi aithris De gach ioghnadh, A tha ri fhaicinn air an Eas ud, An t-Eas cliuiteach; Bu mhordhalach e gun teagamh: Ma tha iongantas air an t-saoghal ’S aon diubh easan: Milltean tunna gach mionaid A’ tuiteam comhladh Thar bhile na creige do’n linne, ’Na aon mhor shruth, Us dluth air ochd fichead troidhean Anns an leum ud, O bhraigh gu iochdar na creige ’Na seasamh direach; ’S a chreag ud gu h-ard aig a mullach Air chumadh leith-chruinn, Cosmhail ri cruidh an eich charbaid No leith cearcaill; An t-uisge a sputadh ’na steallaibh A mach gu fada; O bhonn na creige san linne Fichead slat uaip; Chluinneadh tu thorman seachd mile Uaith air astar: Mar thairn’each anns na speuraibh Bi beucaich neartmhor. ’S nuair bhiodh tu ’nad sheasamh laimh ris B’ amhluidh thartar, Us mile carbaid air cabsair Nan deann dol seachad; Gu’n critheadh an t-athar mun cuairt duit Leis na buillibh, Tha’n t-uisge trom a’ shior bhualadh Air o’ n mhullach; Us maoth-chrith air an talamh throm Fo bhonn do chasan; Mar mhothaichear latha stoirmeil, Tigh ’ga chrathadh; Ach ged bhiodh mile teang’ am bheul, Chan innsinn uile Na h-iongantais a th’air an Eas ud, Mar sin sguiream. D. B. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. REIC AODAICH A’s mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh. A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct. Tha mi ’n deigh stoc anabarrach mor de dh’ Aodaichean Deante a cheannach bho na taighean a’s fhearr an Canada, air pris cho iseal ’s gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu, Cho saor ’sa dh’ iarradh tu. Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caite ’m bheil sinn. Anns an stor a tha ’n aon tigh ais a’ Bhanca. D. J. DOMHNULLACH. [TD 129] [Vol. 5. No. 18. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBEMBER 7,1896. No. 18 Oidhche Shamhna aig Rathad-an-Taillear. A MHIC TALLA GHRADHACH.—“Thug mi an oidhche raoir gu Sunndach.” ’S mi ’dh’ fhaodadh a rath a latha-na-mhàireach an deigh oidhche shamhna ’chur seachad am measg mo chàirdean ionmhuinn aig Rathad-an-Taillear, mu sheachd mile bho bhaile Antigonishe. Bu ro-mhath a chordadh e rium a leithid a dh’ oidhche fhaicinn ann an “tir nam beann ’s nan gleannaibh;” ach ’s docha nach tig a leithid orm gu bràth. Rainig sinn (cha robh mi idir ’nam aonar, ’s mi nach robh), ar ceann-uidhe ’san tràth fheasgar an deigh beagan sárachaidh a chur air an each-iaruinn. Thug air càirdean failte chridheil dhuinn; sann dhaibh fhéin a thig sin a dheanamh; agus nuair a rinn sinn iomadh sgeul a fàgail ar companaich, ’sann a thog mi fhèin ’s an t-Eirionnach oirnn gu cuairt bheag a toirt am measg nan càirdean bu dluithe oirnn Bhòidich sinn tilleadh ann ùine ghearr. Choimhlion sinn na gheall sinn ach cha b’ ann m’an d’ fhuair sinn fuarag, ged a thug sinn ar cheart airidh àite fhàgail airson té eile. Bha ’m feasgar air fàs cho ceòbarrach m’an dò thill sinn ’s gun do dhruidh air an Eirionnach “Scotch mist soaks an Irishman to the skin,” agus gu de le gabhail, mar shaoil shin, frith rathad, ach gun deachaidh mi-fhéin fodha ’s ’nuair a dh’eirich mi bha corr ’us leth an fhearainn air mo ghiulain agus tha eagal orm gu feum an duine bochd d’ a mbuineadh e a “choille ghabhaidh” a ’thoirt air turus eile. Cha b’fhada bha sinn a stigh ’nuair thaining fear a leig ris gu’m be fiodhlair neo-chumanta math a bha ann. Tha fios agad fhein (a tha cluinntin fuaim gach talla) mar a chruinnicheas an ceòl binn na caileagan ’s na gaisgich. Thug sinn fuaim air dannsa. Ged nach b’e na ceumannan réidh a chleachd ar sinnsear, a dhanns sinn gu h-iomlan, gidheadh cha robh iad gun mhodh na h-aoise fhaighinn. Dhanns fear an taighe ’s mi fhein ruidhle cheathrar, agus gu de thagad air ach gu’n do ghabh e orm gu mosach, ’s dh’fhag e mi gun nàire gun athadh, ged ’tha e teann air crioch na ceithir fichead, ’s mise le mo chiabhagan fhathast mar bhad do spruis dhuibh. Cha do thog an ceo na taing agus a dh’innse dhut gu robh i dùmhail am muigh, bha ’n Gille Garbh a stigh naoidh mionadain gu leth ma ’m b’ urrainn dha fear do sheann chàirdean fhaicinn. Rinn an cleochda dorcha so an deagh mhaor, oir cha do mhinntrich sinn a mach a ghoid càil us tuirneap, no gu sàrachadh sann bith a dheanamh air na coimhearsnaich. Thainig àm nan òran. B’e mo charaid an seann duine a thog a ghuth an toiseach, a gabhail— Oidhche Shamhna ’s mi ’nam ònar, Smuaintich mi teannadh ri òran, Mo thruaighe ’righ, nach mi bha posda Ri òigear a chùal duallaich. Tha mo rùn air a ghille, etc. Bha iomadh guth eile air an cur gu gléus, ach thig orm an cur seachad gu sàmhach, ged be sin am beud. Fhuair toimhseachain ’s gach seòrsa chleas an urram fhéin. Tha ’n t-àm an fhuarag a nochdadh. Thainig i air ball. Sin far robh a sporadhail airson an fhainne. Fhuair mi iomadh làn na spàinne dha ’n fhuarag, ach rinn an t-or riumsa mar ’s dual da,—chum e fada bhuam. Cha ’n ’urrainn domh beannachd fhàgail agad gun iomradh a ’thoirt air an Fhrangach. ’Nuair bhiodh e ’siubhal an ùrlair gu reidh fileanta, chuimhnichinn air na bodaich dhannsa a bhithinn a deanamh n’ uair bha mi am bhrogach. Bu mhath leam taing a thoirt do m’ chàirdean airson an càirdeas rium fhéin ’s ri mo chompanaich. ’S e mo dhùrachd gu faic thu fhéin iomadh oidhche Shamhna, agus ma ni do chàirdean uidhir toileachaidh ruit ’s rinneadh ruinne, cha bhi thu gun toil-inntinn. BIORACHAN MOR. Litir a New Zealand. A GHAIDHEIL URRAMAICH,—Tha mise a dùnadh anns a litir so, mar phàigheadh air son bliadhna eile dhe’n MHAC-TALLA, sia tasdain us tri sgillinn (6s. 3d.) Tha mi gle riaraichte bho na thòisich mi, o chionn bliadhna nise, ri ur paipear gasda Gailig fhaotainn. Tha e na mheadhon air mor-thoilinntinn a thoirt domh, ’se sin a bhi leughadh mo chainnt mhàthaireil anns a’ chearn iomallaich so dhe ’n t-saoghal. Chum na Gàidheil coinneamh mhor bhliadhnail ann an Dùn-Eideann, (N. Z.) air an latha mu dheireadh de dh’ Iulaidh, 1896. Bha còrr us mile pearsa aig a cho-sheirim (concert), agus dh’fhuirich tri cheud agus ochd fichead càraid air deireadh agus dhanns iad gu maduinn. Cha robh a leithid a chruinneachadh riamh ann an Dun-Eideann. Thainig clanna nan Gaidheal as gach cearn dhe ’n dùthaich a chum onair a chur air a Ghàilig. Tha beagan de na Gàidheil dhuineil ann an Dun-Eideann a’ cumail air adhart comunn miosail Gàilig bho chionn chòig bliadhn’ deug, ach tha mi gle dhuilich aideachadh nach eil a chuid a’s mo de m’ luchd-dùthcha a toirt a chuideachaidh bu chòir dhaibh, mar Ghàidheil, a thoirt do’n chomunn; ach air a shon sin cho fada ’sà mhaireas am beagan a bhuineas do ’n chomunn beò, cha téid cainnt ar màthar bàs ann an New Zealand. Bi’dh mi nise ’sa cho-dhunadh, a cur mo bheannachd gu clann nan Gàidheal gu léir a tha anns an dùthaich agaibhse, agus a’ guidhe soirbheachadh dhaibh ann a bhi ’cumail suas na Gàilig, agus MAC-TALLA bhi fada beò gus a clo-bhualadh. Is mise ur caraide dileas, DOMHNULL ROTHACH. Reynoldstown. Otago, N. Z. Sept. 29, ’96. Chunnaic an t-seachdain so car eile air chur an cùisean na h-Eòrpa a tha cur fuasgladh nan Armenianach na’s fhaide air falbh na bha e roimhe. Tha e air tighinn am folais gu robh còrdaidhean folaichte eadar a Ghearmailt agus Ruisia o chionn àireamh bhliadhnaichean, agus eadar cuid de na rioghachdan eile. Bha fhios aig na h-uile gu robh còrdadh eadar an Fhraing agus Ruisia, ach nuair a fhuaireadh a mach gu robh còrdadh eile eadar Ruisia agus a Ghearmailt, nàmhaid na Frainge, chuir e iongantas gu leòr air sluagh nan rioghachdan eile. An deigh do na duthchannan ud a bhi ’mealladh a chéile air an dóigh ud, cha’n eil mor choltas air gu’n gabh iad toirt gu bhi aonaichte a thaobh ciod is còir a dheanamh ris an Tuirc, agus uime sin ’se ’s dòcha gu feum Armenia feitheamh agus fulang fhad ’sa bhios rioghachdan na h-Eòrpa a’ dol air adhart le’n aimhreitean féin. Ann am Madagascar, tha gach duine ’s bean, bochd us beairteach, air an còmhdach le aodach sioda. Tha aodach sioda moran na’s saoire anns an eilean sin na aodach-lin. Ann an stàit Maine, feumaidh sealgairean a bhi faiceallach ciod am beathach air an loisg iad. Ma mharbhas iad madadh-alluidh gheibh iad da fhichead dolair a dh’ airgead, ach ma mharbhas iad fiadh gheibh iad mios ’sa phriosan. [TD 130] [Vol. 5. No. 18. p. 2] IAIN BOTHERTON Agus a Choig Laithean Grianach. Fhuair mi (arsa Iain) moran de làithean deuchainn agus toilinntinn ann san t-saoghal an cursa mo bheatha. Ach làithean mo dheuchainn thilg mi air chul mar sheana Mhiosachan gun a bhi ’gan gairm gu tuilleadh cunntais. Ach is math a tha cuimhne agam air coig làithean grianach a bh’agam am measg uile laithean mo bheatha. Bha iad air an caitheamh ann an toilinntinn aoibhneach, sholasach, gun urad ball dubh no neul a’ cur sgàil orra. Ghabh iad àite aig caochladh amaibh. Re na h-aimsir, bha moran de làithean grianach blà air nach robh cuimhne agam fad seachduin. Ach eadar-dhealaichte bho shamhuil so bha na coig laithean air a bheil mi toirt iomradh. Bha iad ’nan laithean a bhios air an cuimhneachadh le dearsadh greine ann am chridhe nach fhag e, am feadh ’sa bhios an t-anam am chom. A nis bheir mi dhuibh cunntas mar a thachair a cheud latha de’n choig. Air mìos meadhonach an Fhoghair, agus an dara latha, agus mu shea uairean, an deigh domh sgur de m’obair agus aodach glan a chuir orm, theann mi mach a’ gabhail mo shràid fheasgair ri taobh na h-aibhne Tweed. Mar a ghabh mi air m’aghaidh, thachair buanaichean orm le’n corrain air an gàirdeanan, agus dh’fhàiltich iad mi le “tha i tighinn Iain.” Air a so rinn iad gàire. “Co tha tighinn,” arsa mise. Ghàir iad a rithist, agus thubhairt iad. “Gabh air d’ aghairt agus faic.” Mar so ghabh mi air m’aghairt; agus O! aoibhneas nan aoibhneas, co chunnaic mi ach Caitriona Louri ’na seasamh aig geata a’ toirt stob fothannain as a laimh. Nis tuigidh sibh gu’n robh mi an trom ghaol air Caitriona agus cha b’iongantach sin; oir ’si nighean a bu stolta, a bu mhodhaile, agus a bu bhreagha bha san duthaich gu h-iomlan. A nis mheas mi freagarrach an cothrom so a ghabhail air rùn mo chridhe fhosgladh dhi. Oir ged is iomadh sràid a ghabh sinn comhla, bha daonnan de naire orm nach b’urrainn mi cheisd a chur oirre, “am pòs thu mi.” Ach air an am so cha b’urrainn mi cumail orm féin na b’fhaide. Air an aobhar sin ghabh mi far an robh i, agus thubhairt mi, “gu de dh’fhairich do lamh a Chaitriona. Dh’innis i gur stob fothannain a chaidh innte. An sin thubhairt mi, “leig fhaicinn dhomhsa i dh’fheuch an toir mi as e.” An sin ghabh i athadh agus thainig rughadh innte. Dh’amhairc mi ’na h-aodan agus a dh’innseadh smior na firinn, cha’n fhaca mi sealladh riamh a thug bàrr air iomhaigh Chaitriona. Agus mar a bha ghrian a’ dearrsadh ’na h-aodann ’sa cheart àm ’sann a bha ’ghrian ann am chridhe-sa. Tha mi làn chinnteach gu faodadh sibh coineal a lasadh ri m’ chridhe le sòlas. Fhuair mi a lamh agus thug mi an stob aisde. Ach tha mi làn chinnteach nach leiginn as i air son lamh na ban-righ. Bha leithid de shòlas orm ’us nach b’urrainn mi ’leigeadh as troimh aoibhneis. Beagan as beagan fhuair mi an làmh eile mu’n cuairt oirre—cha’n ’eil fhios agam ciamar. Ach co dhiu fhuair mi ann i. Agus ghabh sinn sraide—cha’n urrainn mi innseadh ionnus leis an staid san robh mi. Tha cuimhne agam uair ’us uair a teannachadh ri m’ bhroilleach agus a radh rithe “A Chaitriona, am pòs thu mi? A nis abair am focal, an gabh thu mi?” Ann sin stad i beagan agus leig i le ceann tuiteam air mo ghàirdean. Agus le trom osna bho fhior ghaol thubhairt i, “posaidh Iain.” O! na facaill a bha sin. Sann annta bha binneas dhomhsa. ’S iad ceol bu bhinne chuala mi riamh. Bha mi na leithid de staid agus gun do ghlaodh mi. “O! beannaich mi, beannaich mi, gu siorruidh beannaich mi. ’S mise ’n duine is sona tha air an t-saoghal.” An sin dhanns mi le h-aoibhneas; agus ma bha duine riamh air mhisg le sòlas bha mise. Agus tha mi cinnteach gu’n robh Caitriona ’s an t-suidheachadh cheudna. Mar so choisich sinn gu tigh a h-athar. ’S mar robh toilinntinn agamsa an latha sin cha robh aig duine riamh. Agus their mi mo cheud latha grianach ris an latha so. A nis bha mi riamh a’ sàbhaladh beagan air son àm feuma, agus ann a seachduin no dhà, ghabh mi tigh agus dh’airneisich mi e gu h-urramach. Agus b’e mo dhara latha grianach an latha ann san d’thainig Caitriona, a h-athair, ’s a mathair, agus beagan chairdean maille rithe agus am Ministeir gun teagamh. An uair a chuala mise am Ministeir a’ seirm dithis ’nan aon, leum mo chridhe le h-aoibhneas a’ smaointeachadh air Caitriona, agus mise ’nar n-aon. Agus na’s fearr na sin nach robh dealachadh ri bhith ann gus am bàs. Rug mi an sin air laimh oirre agus le deoir an aoibhneis ann am shuilean thubhairt mi, “O, mo Chaitriona fein, mo Chaitriona fein! saoil nach sinn a bhios sona ann san t-saoghal. ’N uair a bha am pòsadh thairis shuidh sinn uile ris an t-suipeir, agus air do uinneig an t-seomir a bhith leth fhosgailte agus eun a’ seinn gu binn smaointich mi air an t-sòlas a bha gu bhith thairis an uair nach robh m’ fhear-sa ach a’ toiseachadh. Thug mi an ath shuil air Caitriona agus O a h-iomhaigh ghradhach! sann a dh’fhairich mi mar dhuine aig an robh sòlas neo-chriochnach. An iongantach a nis, ged a their mi mo dhara latha grianach ris an latha so? Bha mo threas a’ leanachd ri tìom mac a bhith air a bhreith dhomh. Sann an sin a chunnaic mi gu dè bha mi ’us mac again. Thug mi an sin taing do Dhia an dà chuid air son an leinibh agus a mhathar. Bha mi san am an coinneamh dol thar mo bheachd eadar na h-uile ni bh’ann. Cha robh ni nach robh a’ lasadh a suas mo shòlais ann san t-saoghal. Tha mi làn chinnteach gu’n robh m’ inntinn san am so cho àrd ri inntinn Righ. B’e so mo threas latha, agus mur robh e grianach fagaidh mi sin agaibh fein. Sann glan eadar-dhealaichte bhuaithe so a bha an ceathramh ged a chuir e aoibhneas thar tomhais orm. Tuigidh sibh gu’n d’rinn Caitriona bean dheanadach, ghlic, ghrunn dail, agus ’se smaointich i, sea seachduinean an dèigh dhuinn pòsadh, ciste bheag a dheanadh agus tòll ’na mullach gus a h-uile sgillinn à ghabhadh seachnadh a chur innte. Mar so chaidh dheanadh—toiseachadh air a chiste lionadh le copar, airgead, agus òr, gus an d’fhas i cho trom ’us gur gann a a b’urrainn domh a’ togail. Agus cha b’iongantach sin, oir is iomadh latha a shaoithrich sinn moch agus anmoch gu bhi ’cur beagan mu seach, gus am biodh ceud pund Sassanach againn. Latha bha sin thubhairt Caitriona, “Iain, nach bu chòir a’ chiste fhosgladh.” “Tha mi toileach,” arsa mise. Chaidh an sin an crann a chuir air an dorus, agus falach a chur air na h-uinneagan, a chiste ’thoirt a nuas, agus a doirteadh air an ùrlar. Sann an sin a bha sealladh. Tha daoine a’ bruidhinn mu’n bhogha-fhrois a bhi briagh, ach ’sann a bha am bogha-frois air an ùrlar agamsa, eadar Caitriona ’san t-airgiod. Ghabh e dhuinn ga chunntas bho dhà uair a latha gu sea uairean feasgar. Chunnt sinn e thàiris ’us thairis, agus fhuair sinn coig-fichead agus coig puinnd-deug Shassanach, seachd tasdain, ochd sgillinnean, agus bonn-a-sea. Bha mi so beartach agus tha mi meas gu faod mi le h-aoibhneis mo cheathramh latha grianach a thoirt air an latha so. Sann orm fein a bha ghrian ag eirigh. Ghabh sinn an sin bùth agus thoisich sinn ri màlairt. Agus shoirbhich leinn gu math, ni thug mise gu meas anabarrach mòr, ionnus gu’n robh mi air mo ghairm am àrd fhear comhairle aca. Thainig mi dhachaidh an sin agus dh’innis mi do Chaitriona mar a bha. Neo-ar-thaing mur robh ise cho ard agus cho grianach rium fein. Bha mi ’san am so an coinneamh dol thar mo bheachd leis an toilinntinn a bh’agam, agus Caitriona a mach ’sa mach rium fein. Thug mi s n greis a’ spaidseireachd feadh an tighe le’m lamhan an ceannaibh mo leis. Mu dheiradh thubhairt mi ri Caitriona, “Cuir a mach a dh’iarraidh searrag de liunn laidir,” “Searrag do liunn laidir,” arsa Caitriona, “Cha chuir, cha chuir; cuimhneich thusa, Iain, gur ann ag òl uisge fionnar an fhuarain a fhuair thu cho math air d’aghaidh ’san t-saoghal.” “Gle mhath, gle mhath, a Chaitriona; bha thu ceart riamh, ’us tha thu ceart an diugh.” B’e so mo choigeamh latha grianach; agus ’si mo bharail gur h-e latha bu ghrianaiche de ’n choig. Bha gach latha ’tòirt bàrr air a cheile. “Gach nan na’s gile na mhathair, ’s a’ mhathair cho geal ris an t-sneachda.” CNAP-AN-TAIRBH. Ann a Hungary, faodaidh duine siubhal air an rathad-iaruinn eadar Buda-Pesth agus Cronstadt, coig ceud mile dh’ astar, air son dolair us tri fichead sent ($1.60). Tha e air a ghiùlan còrr us tri mile air son a h-uile sent a tha e pàigheadh. [TD 131] [Vol. 5. No. 18. p. 3] NA TRI FAINNEACHAN, Etc. O chionn fada an t-saoghail, ma’s fhìor na chuala mi, bha iomadh rud a’ tachairt a bha ro iongantach. Bha buidsich agus bana-bhuidsich ann a thionndadh le buille de shlachdan draoidheachd carragh cloiche gu h-òr, agus duine gu riochd aon a dh’ainmhidhibh an achaidh, no eadhon gu sgonn maide. Bha iomadh dòigh ann air bacadh a chur air tinnis ’s air a’ bhàs fhéin. Bha dòighean ann air muinntir a chumail òg a ghnath, agus air an deanamh aoidheil, ciùin, tlachdmhor anns na h-uile ni air chor a’s gu’m biodh sìth agus sonas a ghnàth a’ riaghladh ’nam measg. Dheanadh iad so gu léir le fàine druidheil a chur air meur neach, no le trusgan-sìthe a chur uime. Bithidh sinne a tha beo ’s an linn as-creidmhich so gle mhall gu creideas sam bith a thoirt do sgeul faoin de’n t-seorsa, ach tha, aig a’ cheart àm, iomadh leasan maith ri fhaotainn uaith. A bharrachd air sin bithidh sinn ullamh air a bhith ’g ràdh nach robh anns an t-sluagh am measg an d’éirich na beachdan faoine so ach sluagh dorcha, borb, amaideach, aineolach. Tha eagal mòr orm gu’m bheil sinne, moiteil ’s mar a tha sinn as ar cuid foghluim, mòran ni’s fhaide air ais ann an iomadh ni na iadsan. Innsidh mi sgeula beag no dha a nochdas gu soilleir cho glic ’s cho tùrail ’s a bha’n seann sluagh so. Bha duine uasal ann aon uair aig an robh fàinne ro luachmhor a bheireadh air duine sam bith aig am biodh e gu’m biodh speis mhor aig na h-uile neach dheth. Aig àm a bhàis thug se e do’n mhac bu docha leis air chùmhnanta gu’n gleidheadh se e gus am fàgadh se e mar an ceudua aig a’ mhac bu docha leis aig àm a bhàis, agus mar sin air aghaidh fhad ’s a bhiodh mac a’ tighinn an ionad an athar. A bharrachd air a so, am mac a gheibheadh am fàinne ’sann aige bhiodh riaghladh an teaghlaich agus a chòir-bhreth, eadhon ged a b’ e b’ òige de’n teaghlach. An déigh do’n fhàinne a bhi air a liubhairt a nuas o athair gu mac fad iomadh ginealaich thachair mu dheireadh gu’n robh e aig athair aig an robh triuir mhac a bha anns na h-uile ni anabarrach umhail, agus dleasnach. Bha e cho miadhail orra na’n triuir ’s nach robh fhios aige co aca d’an tugadh e’m fàinne. Mu dheireadh thall ’s e bhuail ’s a’ cheann aige gu’n rachadh e far an robh an t-òrcheard ’s gu’m tugadh e air dà fhàinne eile dheanamh cho coltach ’s a b’urrainn da ris an fhàinne bhuadhach. ’S ann mar so a bha. Rinneadh an dà fhàinne, agus bha iad cho coltach ris an fhàinne bhuadhach ’s nach robh e’n comas do dhuine bha beò eadar-dhealachadh air an t-saoghal a chur eatorra. ’N uair a bha e air leabaidh a bháis dh’iarr e a mhac bu shine a thoirt ’na làthair, agus air dha comhairlean maithe a thoirt air agus a bheannachd fhagail aige thug e dha fear de na fàinneachan. Chuir e fios air an dara mac agus air an treas mac agus rinn e’n t-aon ceudna riutha. Beagan ùine na dhéigh sin dh’eug e. Thiodhlaic a chuid mac e, agus an déigh do gach ni bhi thairis dh’innis am mac bu shine gu’n d’fhuair esan am fàinne o athair, agus mar sin gur ann aige bha còir air gach ni a dh’fhàg ’athair. Bha mòr-ioghnadh air a dhithis bhraithrean an nuair a chuala iad so, ach ’s ann a bha’n t-ioghnadh orra nuair a dh’innis gach fear mar a thuirt ‘athair ris. Thug gach fear ’fhàinne fhéin a làthair, ach cha robh e ’nan comas a dheanamh a mach co aig a bha m fàinne buadhach. Bha’n dithis a b’òige ’g am meas fhéin a h-uile buille cho maith còir air aon dad a dh’fhàg an athair ris an fhear bu shine. Mu dheireadh thall chaidh na fir cho fada thar a chéile ’s gu’n tug iad a’ chùis an làthair a’ bhreitheamh. Thug gach fear a thaobh fhéin de’n chùis air aghaidh le innseadh mar a thuirt ’athair ris. Cha chreideadh fear seach fear dhiu gu’n tug an athair fealag asda, ach bha gach fear car ann am beachd gu’n d’thug a bhraithrean ionnsuidh air a char a thoirt as le fàinne meallta thoirt air aghaidh. Ach an déigh na h-uile rud bha leithid a dh’earbsa aca ’na cheile ’s nach b’urrainn doibh so a lan chreidsinn. Bha’m breitheamh e fhéin ann am iom-chomhairle nach bu bheag mu’n chùis, ach mu dheireadh thug e breth mar a leanas: “Cha’n urrainn domhsa dheanamh a mach cia e’m fàinne ceart, agus mar sin cha’n urrainn domh ràdh co aige tha còir air a bhi ’na cheann thairis air an teaghlach. Ma tha e fior gu’m bheil buaidh shònraichte anns an fhàinne cheart a chum an neach aig am bheil e a dheanamh ionmhuinn ann an sealladh nan uile dhaoine, tha e mar an ceudna cheart cho fìor nach urrainn gu’m bi a’ bhuaidh shònraichte so anns an dà fhàinne eile. Tillibh dhachaidh, agus sguiribh dhe’r n-aimhreit. Creideadh gach fear agaibh gur h-ann aige fhéin a tha’m fàinne ceart, agus a chum sin a dhearbhadh dh’a fhein ’s do mhuinntir eile, deanadh e strì a chum e-fhéin a dheanamh ionmhuinn leis na h-uile. An neach a bheir barr agus is mo choisneas de ghràdh muinntir eile dearbhaidh e gu soilleir gur ann aige a tha’m fàinne ceart.” Lean iad a’ chomhairle ghlic agus mhaith so a thug am breitheamh orra, agus rinn iad strì feuch co bu ghràdhaiche ’s bu neo-fhéineile gus mu dheireadh thall an deachaidh gach aimhreit a bh’eatorra mu na fàinneachan air dichuimhne. Chaith iad am beatha gu réidh agus gu sona maille r’a chéile. Bha aon uair ann an aon de dhùthchannaibh na h-airde-near duine uasal a bha ann an suidheachadh ro àrd ’s a’ rìoghachd. B’e a b’fhaisge ann an inbhe air an rìgh fhéin. Ciod sam bith tubaist a dh’éirich dha thachair gu’n d’rinn e dol as an rathad aìr choreigin a choisinn dha diomadh agus corruich an righ. Thug an rìgh òrdugh teann cruaidh e bhi air a ghleidheadh ’na phrìosanach fhad ’s bu bheò e ann an seòmar beag am mullach tùir àird. Rud nach b’ìoghnadh bha a chridhe gu briseadh le bròn. Bha e cruaidh leis deadhghean an rìgh a chall, ach bu shuarach leis sin seach a bhi dealachadh r’a mhnaoi ’s r’a phàisdean. Chunnaic e air a shon sin nach deanadh bròn feum sam bith dha, agus gu’m b’fhearr dha an oidhirp a b’fhearr a’ b’urrainn da dheanamh air teicheadh as an tùr. Cha robh e furasda dha idir teicheadh. Cha’n fhaigheadh e sìos gun fhios, a chionn gu’n robh luchd-faire a ghnàth aig dorsaibh an tùir agus na’n tilgeadh se e fhéin sìos leis an uinneig bhiodh e grad mharbh ’nuair a bhuaileadh e shìos. Bu duine e aig an robh mòr eolas mu thimchioll iomadh ni. Bha e ghnàth a’ deanamh feum de shùilibh ’s de chluasaibh. Bha e a’ gabhail beachd air gnathannaibh gach creutair bheò air am b’urrainn dha a bheag a dh’eolas a chur. Ann an àm na trioblaid rinn an t-eolas so feum mòr dha—thug e comas dha air teicheadh as an tùr. ’S ann o ghnàthannaibh daolaig, an creutair beag suarach sin air am feudadh na h-uile neach a bhi gle eolach, a dh’fhoghlum e an dòigh air am faigheadh e teicheadh. Air feasgar àraidh thàinig a bhean gu bonn an tùir, ’s thòisich i ri gul ’s ri caoidh. Labhair e rithe mar so, “Ma ’s maith leat mise a bhi air mo chur air mo chomas, grad sguir dhe d’bhròn, agus rach dhachaidh agus na tig air ais gus am faigh thu na nithean so: daolag dhubh bheò, rud beag de sheann ìm, ceirsle de shnath cainbe, ceirsle de chòrd maith làidir, agus cuairteag mhaith de bhall.” Ghrad dh’fhalbh a bhean dhachaidh, agus fhuair i na h-uile ni dhiu so. An ath oidhche thàinig i leo gu bonn an tùir. Dh’ìarr e oirre rud de’n ìm a chur air ceann na daolaig, agus ceann an t-snàth shioda a cheangal m’a meadhon, agus a cur air balla an tùir ’s a h-aghaidh a chur rathad mullach an tùir. Rinn a bhean so. Nis tha e ’na chleachdadh aig an daolaig a bhi sìor dhol air aghaidh air an rathad air am faigh i fàileadh làidir sam bith as a cionn. Nuair a chuireadh a h-aghaidh ri barr an tùir, air dhi a bhi air a tarruing le faileadh an ime ’bh’air a ceann, choisich i suas air a’ bhalla gus mu dheireadh an d’ràinig i an uinneag far an robh am prìosanach. Fhuair e mar so greim air an t-snàth shioda, agus ’nuair a fhuair, cheangail a bhean ceann na ceirsle cainbe ris. Tharruing e thuige e, agus na dhéigh sin an còrd, ’s mu dheireadh am ball. Cheangail e’m ball ris an uinneig. Fhuair e mar so a shaorsa troimh an eòlas a fhuair e air cleachdadh na daolaig.—B. D. ’sa Ghaidheal. Ann am Brazil, ’nuair a thig am bàs air boirionnach gun phòsadh, bi’dh iadsan a bhios ’ga caoidh air an éideadh ann an aodach sgàrlaid an àite dubh mar anns an dùthaich so. Aig an tiodhlacadh, bidh a’ chiste, an carbad, agus bratan nan each uile dhe’n aon dath sin. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Gheobh thu e gu deireadh na bliadhna s’a tighinn airson dolair. [TD 132] [Vol. 5. No. 18. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, NOBHEMBER 7, 1896. Litir as a’ Ghaidhealtachd. FHIR MO CHRIDHE,—Bha mi cho trang aig iomadh obair o chionn iomadh seachdain ’s nach fhaighinn ùine gu sgrìobhadh ugad, ged bu mhath leam, mar a dh’ fhaodas tu chreidsinn, fios a chur ugad mu thimchioll nithean a bha ’tachairt ’n ar measg anns an dùthaich so. Tha fhios agam gur math leis na seana Ghàidheil chòire a dh’ fhalbh as an dùthaich so o chionn iomadh bliadhna fios fhaotainn air cor na dùthchadh anns an do thuinich na daoine còire o’n d’ thainig iad. Aig an àm so bheir mi dhut an naigheachd a’s ùire a tha am measg dhaoine. Cha mhòr gu’n cluinnear guth eadar dà cheann na seachdain ach bruidhinn mu’n t-sìde a bha againn, faodaidh mi ràdh, o’n a thàinig am foghar. Cha’n eil duine beò aig am bheil cuimhne air bliadhna fhaicinn coltach ris a’ bhliadhna so. Dh’ innis mi uair eiginn mu thoiseach an t-samhraidh, gu robh an aimsir a chaidh seachad o’n bhliadhn’ ùir anabarrach neo-chumanta. Cha robh, ach gann, reothadh no sneachda againn. Bha am mios Mart anabarrach fliuch, stoirmeil. Mar bu trice, b’ ann o’n deas agus o’n iar-dheas a bha ’ghaoth. Bha ’n t-sìde cho fliuch fad Aprail ’s nach ’d fhuair daoine a’ bheag de churachd a dheanamh gus an robh e faisge air deireadh a’ mhios. Bha a’ cheud mhios de’n t-samhradh tioram, briagha, blàth. Bha an dara mios de’n t-samhradh cho math air son toirt air barr fàs ’s a’ b’urrainn a bhith. Neo-ar-thaing nach robh coltas anabarrach math air feur ’s air arbhar ’s air buntàta. Cha’n ’eil duine beò a chunnaic a leithid de bharr feoir ’s a bha am bliadhna ’san dùthaich so. Cha robh ioghnadh ann; oir cha do sguir am feur a dh’ fhàs fad na bliadhna. Iadsan a ghearr am feur tràth, fhuair iad cruinn e ann an suidheachadh glé mhath. Ach bha feadhainn eile ann a bha leigeadh leis an fheur gun ghearradh air ghaol gu fàsadh e ni b’ fhearr ’s ni b’ fhearr. Tha aithreachas gu leòr orra an diugh air son mar a rinn iad; oir tha ’chuid a’s mò de’n fheur aca am muigh fhathast, agus tha earrann mhor dhe air grodadh. Leis cho fliuch ’s a bha an t-sìde o’n a thàinig am foghar, cha robh an t-abachadh ach glé fhadalach. Cha mhòr gu robh latha tioram againn o chionn mhios. Tha an earrann a’s mò de’n arbhar fhathast gun bhuain. Is ainneamh duine a fhuair cruach a dheanamh fhathast. Anns a’ mhadainn Di-donaich so chaidh, bha dà oirleach de shneachda air an talamh. Tha am buntàta air grodadh anns na h-achaidhean, leis cho trom ’s a bha ’n t-uisge o’n a thàinig am foghar. A réir choltais, bidh am biadh agus am fodar glé ghann. Cha’n ’eil sìol air an arbhar idir. Am beagan bh’ air thuit e dheth. Tha seann daoine ag radh gu bheil coig bliadhn’ deug air fhichead o nach robh foghar againn cho fliuch ’s cho fadalach ri foghar na bliadhna so. Cha’n ’eil sinne anns a’ Ghaidhealtachd cho dona dheth ’s a tha muinntir na Galldachd. Tha cuid de’n arbhar a bhuaineadh air a’ Ghalldachd o chionn ochd seachdainean anns na h-adagan fhathast, agus e air a dhol ’na cheap fochainn. Tha pris na spréidhe air tuiteam, agus tha prìs na mine air éirigh o chionn seachdain no dha. Bha làn anabarrach mòr againn air feasgar Diardaoin so chaidh. Chaidh e steach do mhòran thaighean. Gu fortanach, cha robh stoirm ann. Nam bitheadh, is iomadh taigh a bhiodh air a leagadh. Tha choltas air an t-sìde gu bheil atharrachd dlùth air laimh. Faodaidh gu faigh daoine sìde mhath am bliadhna fhathast. Chuala mi caraid dhut ag radh an latha roimhe, gu robh mòran sgeulachdan annasach aìge, agus gu robh e ’dol a chur feadhainn diubh ugad an ùine gun bhith fada. Tha e ag ràdh gu bheil aige de sgeulachdan nam faigheadh e ùine air an sgriobhadh, na chumadh té ’san t-seachdain ris a’ MHAC-TALLA gu cionn dà bhliadhna. Theid mi an urras gu’n taitinn iad gu math ris gach aon a leughas no ’thuigeas Gailig. Cluinnidh tu uam an ùine gun bhith fada. Is mi do charaid, IAIN. 15, 10, ’96. A BHAN-RIGH.—Rugadh Ban-righ Victoria, air a 24mh latha de’n Mhàigh, ’sa bhliadhna 1819. Chaidh a crùnadh air an 28mh latha de dh’ Iun, 1838. Chaidh a gairm ’na Ban-Iompaire air India latha Bealltuinn, 1876. Phòs i air an 10mh latha de Februaraidh, 1840, agus rugadh a ceud leanabh air an 21mh latha de Nobhember, 1840. Cha chuir a Bhan-righ uimpe uair sam bith ach làmhannan dubha, agus cha’n eil i cosg ach da dhusan paidhir ’sa bhliadhna. Tha gach paidhir a’ cosg ochd tasdain us sia sgillinn. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 133] [Vol. 5. No. 18. p. 5] NAIDHEACHDAN. Fhuaireadh muc-mhara, leth cheud troigh ’sa ceithir a dh’ fhad, marbh air a’ chladach ann an eilean Phicto air air an t-seachdain s’a chaidh. Tha Sir Tearlach Tupper agus a bhean a’ seoladh á Cuibeic an diugh gu dhol air chuairt do Bhreatuinn. Cha till iad gu ’n deigh na Bliadhn’ Uire. Chaidh dithis dhaoine chur an greim ann a’ Halifacs, an latha roimhe, air son a bhi cur a mach ribe air son moose a ghlacadh. Chaidh càin a chur orta, leth-cheud dolair am fear. ’S iomadh moose a thatar a marbhadh gu mi-laghail ann an Ceap Breatunn. Tha soitheach ùr a nise aig Riaghladh Chanada air son sùil a chumail air na soithichean-iasgaich Geancach nuair a bhios iad mu chladaichean na dùthcha so. ’Se ’s ainm dhi an Osprey, agus tha i na soitheach gle bhòidheach. Bha i anns an acarsaid so air an t-seachdain s’a chaidh. Tha buinn leth-dolair de dh’ airgead-meallta a dol mu’n cuairt an dràsda. Tha iad air an deanamh ann an Sina, ’s air an cur an nall as an dùthaich sin do Chanada. Tha iad na’s gile na ’n t-airgead ceart, agus beagan na ’s motha ’s na’s truime. Tha iad, ma ’s fior iad fhèin de chùinneadh na bliadhna 1894. Chaidh tearnadh caol air dithis bhràithrean, Mathanaich, a mhuinntir a Chladaich a Tuath, a sheachdain gus an dé. Bha iad a mach ag iasgach, agus nuair a bha iad a teannadh ri tir, thainig tonn mor orra a chuir am bàta thairis, agus ’sann le spàirn chruaidh a dheanamh a fhuair iad iad-fhéin a shàbhaladh. Tha am fear fear-iomaraidh a’s fhearr air an t-saoghal aig an àm so a mhuinntir Chanada. ’S e Gaudaur is ainm dha. Fhuair e cuireadh an la roimhe dhol a null a Shasuinn a chur réise ri fear Towers a mhuinntir Astralia. Tha coig ceud punnd de gheall ri bhi eatorra. Cha ’n eil fhios fhathast an teid Gaudaur ris, ach cha’n eil teagamh nach teid. Chaidh roinn mhath rionnaich a ghlacadh air an t-seachdain s’a chaidh. Ghlac aon soitheach mu cheud barailte a mach e bheul na h-acarsaid so Di-sathairne s’a chaidh, agus ghlac soitheach eile sia fichead barailte ’sa deich faisg air eilean Scatarie. Tha an t-iasg anabarrach mor, na’s motha na chunnacs riamh mu chladaichean Cheap Breatunn. Thatar ag radh nach teid gu barailte dhiubh ach mu cheithir fichead ’sa deich. Chaidh fear Mac Gille-mhoire, a mhuinntir Cheap Breatunn, a robaigeadh faisg air Sunny Brae, an siorrachd Phicto, air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e air an rathad gu Lorne, agus thachair dithis dhaoine (tramps) air. Beagan an deigh dha a chùl a thoirt riutha, chaidh a bhualadh ’sa cheann ’sa leagail, ’Chaidh na bha dh’ airgead air a shiubhal—seachd dolair—a thoirt uaithe, cuide ri leintean, brògan agus nithean eile bha aige ’na mhàileid. Chaochail seann duine còir do’m b’ ainm Seòras Mac-Neill ann am Bay St. Lawrence air an 27mh latha dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Bha e tri fichead bliadhna ’sa sia deug a dh’ aois. B’e fear de’n chead fheadhain a thainig dh’an chearna sin dhe’n eilean. Bha e ’ruith na postachd, agus fad ochd bliadhn’ deug ghiulain e a mhàileid air a mhuin troimh ’n choille mhoir eadar Ingonish us Bay St. Lawrence, astar 56 mile. Thog e teachlach mor, agus ged a chaill e te dhe lamhan coig bliadhna ’n deigh dha pòsadh, rinn a dachaidh mhath dhaibh, agus aig àm a bhais cha robh sgillinn de dh’ fhiachan an. Bha e ’na dhuine còir, firinneach, agus gle mheasail aig gach aon a chuir eòlas air. Chaidh fear Alasdair Halpin a mhuinntir Halifacs, a chur an greim o chionn ghoirid air son còt-uachdair a ghoid. Sheas e cùirt, agus fhuair e bliadhna dhe’n phriosan. Tha pris a chruithneachd a sior éiridh. Tha e anabarrach gann anns na h-Innsean, dùthaich a b’ àbhaist a bhi creic moran dheth, agus tha sin ’ga fhàgail daor air feadh an t-saoghail uile. Tha “Na Baird Ghàidhealach,” an leabhar air an d’ thug sinn iomradh roimhe, a nise deiseil, agus gheibhear e an oifis MHIC-TALLA air son 35c. Cuirear leis a’ phosta e gu àite sam bith air son na pris cheudna. Tha mèinneadairean an òir a deanamh gle mhath ann an Columbia Bhreatunnach. Chuir aon mhèinn a th’ ann an Cariboo a mach fiach $35,741 de dh’ òr ann an da sheachdain. Chuir a mhéinn cheudna mach fiach $118,000 o thoìseach an t-samhraidh. Chaidh mèinn luachmhor de chordunum fhaotainn o chionn ghoirid ann an siorrachd Hastings an Ontario. Tha a chlach so car coltach ri emery agus ’se so a cheud mhèinn dhi a fhuaireadh ann an Canada. Bhatar roimhe so ’ga faotainn ann an stàit Charolina. ’S fhiach tunna dhi ceithir fichead dolair. Tha sinn an dòchas gu’n cluinn sinn o àireamh mhor le luchd-gabhail a phaipeir air an t-seachdain s’a tighinn. Tha moran againn ri phàigheadh a mach air a mhios so, agus bu chòir dhaibhsan a tha air deireadh ann am pàigheadh an dichioll, a dheanamh air a chur g’ ar n-ionnsuidh cho luath ’s is urrainn daibh. Thainig tri teaghlaichean á ceann a tuath Newfoundland gu Eilean a Phrionnsa Di-luain s’a chaidh, agus ghabh iad còmhnuidh aig Montague. Tha iad ag innse gu bheil gainne mhor anns an àite as an d’ thainig iad; gu bheil mu cheud teaghlach ann agus nach eil de bhiadh ’nam measg air fad na bheireadh tri teaghlaichean troimh ’n gheamhradh. Bha fear de shagairt Cheap Breatunn air an t slighe tigh’n dhachaidh Di-satharna s’a chaidh, agus aig Truro chaill e an carbad. Bha e air son a bhi ’na àite ’san eaglais an la ’r-na-mhàireach, agus dh’ fhastaidh e carbad eile gus a thoirt gu New Glasgow, far an d’ rug e air a charbad ’nuair a bha ’n luchd-siubhail a’ gabhail an dinnearach. Chosg fastadh a charbaid da fhichead dolair ’sa còig dha. Fhuair na Republicans buaidh anns na Stàitean Di-màirt, agus tha McKinley air a thaghadh mar cheann-suidhe air son nan ceithir bliadhna tha tighinn. Rinn e ’n gnothuch air Bryan gu dona; cha mhor nach d’ fhuair e dha uiread de bhòtaichean sa fhuair e. Cha ruigear a leas guth a thoirt air saor-chùinneadh an airgeid tuilleadh. Tha Canada, Breatunn, agus dùthchannan eile gle bhuidheach dhe mar chaidh an latha. Cha’n eil a nise teagamh sam bith a thaobh an t-soithich a dh’ fhalbh as a Bhras d’Or Bheag o chionn treis a dh’ ùine ’s air nach cualas guth tuilleadh, nach robh i air a call, maille ris gach duine bh’ air bòrd. Fhuaireadh soitheach anns a Ghulf o chionn ghoirid air a droch bhristeadh, agus a dhith nan crann, agus a reir gach comharraidh ’sì sid an té a bh’ ann. Bha aon fhear de’n sgioba ’na chorp air bòrd; bha ’n triùir eile a reir coltais air an sguabadh air falbh leis na tuinn. ’S ann ri smugaladh eadar an dùthaich so agus St. Pierre a bha iad, agus ’s cianail a’ chrioch a thainig orra. Bha an sgiobair, Iain Moore, agus a mhac a mhuinntir a Bhras d’Oir Bhig; bhuineadh an dithis eile do Shidni Tuath. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 134] [Vol. 5. No. 18. p. 6] Cuairt do Eilean a’ Phrionnsa. LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH. Smùid sinn a mach á cala Phicto mu dha uair feasgar, agus rainig sinn Baile-Shèarlot mu sheachd uairean. Ged nach robh sin ’na ùine ro fhada, dh’ fhairich sinne fada gu leòr e, a dh’ aindeoin cho briagha ’sa bha ’n latha. ’S neònach an creutair an duine: mar a’s motha gheibh e ’s ann a’s motha dh’ iarras. Beagan bhliadhnaichean air ais bhiodh so air a mheas ’na thurus goirid, ach an diugh cha chluinnte guth aig duine thall no bhos ach a gearain air cho slaodach ’sa bha ’n soitheach. ’Nuair a bha daoine tigh’nn air imrich do ’n dùthaich so ’se soitheach ainneamh a thigeadh thairis air a’ chuan mhor ann an ùine bu ghiorra na mios, ach an diugh nithear an t-astar ceudna ann am beagan us seachdain, agus mar a tha na bliadhnaichean a’ ruith ’s ann a’s luaithe tha na soithichean a’ dol, air chor ’s gu bheil e coltach nach fhada gus am bi e comasach do dhuine dhol a null dh’ an t-seann dùthaich gun moran a bharrachd ùine chall ’sa rinn mise eadar Sidni us Baile-Shearlot. Chaidh innse dhomh gu bheìl dùil aca ri soitheach ùr air an astar so an ùine ghoirid—theagamh gu bheil i ann cheana—soitheach a ghiùlanas duine eadar an da bhaile ann an da uair gu leth. Coma co-dhiu rainig sinn ar ceann-uidhe. An àm a bhi tigh’nn a stigh do’n acarsaid cha b’urrainn do neach gun toirt fa-near an t-eadar-dhealachadh a tha eadar an t-eilean so agus na dùthchannan a tha ceithir-thimchioll air. Tha Ceap Breatunn, Nobha Scotia, agus New Brunswick, cnocach, beanntail, agus ann an àiteachan creagach, clachach; tha Eilean a Phrionnsa air an laimh eile, iseal, còmhnard, agus cha mhor gu bheil creag no clach ri fhaotainn eadar a dha cheann. Am beagan a th’ ann tha iad crion, bog, agus air an aon dath ris an ùir gle fhaisg air a bhi dearg. Cha’n eil annta ach an ùir air a dinneadh ri chéile ’s air cruadhachadh, car coltach ris na clachan-creadha. Chuala mi fear de na bh’ air bòrd an t soithich ag radh, ’nuair a bha sinn a dlùthachadh ri tir, gu feumadh gur ann an so a chaidh an duine chruthachadh; “a chionn,” ars esan, “tha e air innse dhuinn gu’n d’ rinneadh an duine air tus de dh’ ùir dheirg, agus tha ùir an eilean so cho dearg ’s nach urrainn dhomh a chreidsinn nach e so a cheart àite.” Ach co-dhiu a tha a bheachd ceart nr cearr, cuiridh deirgead talmhainn an eilein so iongantas gu leòr air duine ’rugadh ’sa thogadh ann an Ceap Breatunn no an Nobha Scotia. Tha Baile-Shéarlot suidhichte air taobh acarsaid bhòidhich, agus a reir a chùnntais a fhuair mise, acarsaid mhath; chaula mi cuid de mhuinntir a bhaile ’g radh gur h-i acarsaid cho math ’sa th’ air an t-saoghal. Cha do chuir so iongantas sam bith orm; mu’n d’ fhag mi ’n tigh, bha mi eòlach air a bhi cluinntinn a’ mholaidh ceudna ga dheanamh air acarsaidean Shidni us Louisburg; ann am Picto chuala mi sin air a radh mu acarsaid Phicto, agus tha fhios gu’n cuala sinn uile o ar n-òige bhi ga radh mu acarsaid Halifax; mur cuala cha’n eil taing sam bith ri thoirt do mhuinntir Halifax. Tha sinne ’s na dùthchannan tuathach so ’nar culaidh fharmaid, oir cha’n eil dith acarsaidean oirnn, agus gach té gu’n tig thu na’s fhearr na ’n té a dh’fhàg thu. Tha Baile-Shèarlot ’na chnapach math baile: tha mu aona mile deug de shluagh a’ còmhnuidh ann, agus tha choltos orr’ uile bhi gu math air an doigh. Tha àireamh de thogalaichean briagha ann, a tha ’cur maise dheth. Tha aon sràid ann—sraid na ban-righ—a tha ceud troigh a leud, agus ’s ann air gach taobh dhi a tha a’ chuid a’s motha de na togalaichean briagha sin, agus ’s ann oirre thatar a’ deanamh a chuid a’s fhearr de ghnothuch a bhaile. Tha cabhsairean matha de chloich ’s de dh’ ashphalt ris an t-sràid so, agus ri té no dha eile; cha’n eil ri càch ach cabhsairean fiodha. Tha ’m baile air àite glé chòmhnard, agus cha mhor gu bheil direadh no tearnadh ann idir. Tha e uime sin furasda dhol mu’n cuairt ann, agus tha e aotrom air duine ’s air ainmhidh. Tha aon ni aig Eilean a’ Phrionnsa a bharrachd air Ceap Breatuinn, agus ’se sin féin-riaghladh. Chaidh Riaghladh a shuidheachadh anns an da eilean beagan us ceud bliadhn air ais, ach ’sa bhliadhna 1820 thugadh sin air falbh o Cheap Breatunn agus chaidh a chur a stigh ri Nobha Scotia. Dh’ fhàgadh Eilean a’ Phrionnsa mar a bha e; air tailleabh sin thainig iomadh adhartas air nach d’ thainig air Ceap Breatunn, agus tha e ’g obair air a làimh fhein gus an latha ’n diugh, agus an dùil a bhi ri sin gu ceann iomadh latha ’s bliadhn’ eile. Cha deachaidh e stigh ri Co-fhlaitheachd Chanada ’nuair a chaidh na mor-roinnean eil idir; ’se nach deachaidh, ach sheas e mach leis fhéin gus an d’ fhuair e bargan cruaidh, teann, daingeann a dheanamh ri Riaghladh Ottawa, agus thug e orra deanamh ris na b’ fhearr na rinneadh ri aon de chàch. Cha’n eil teagamh nach e sin a choisinn dha an t-ainm, “an t-eilean beag crion” (tight little island). Ghabh Canada oirre fhéin ainbhfhiach an eilein air fad, agus ghabh i os làimh an rathad-iaruinn, a bha ’n t-eilean fhéin air a thogail, a chumail air adhart, agus rinneadh sin ged a tha Canada a’ call àireamh mhiltean dolair air na h-uile bliadhna. Mar anns gach mor-roinn eile an Canada, tha an àrd-phàrlamaid ag amharc thairis air gach ni ach Foghlum, Mèinnean, Fearainn, agus nithean eile a bhuineas do’n eilean fhéin. Cha’n eil mèinn de sheòrsa sam bith air an eilean, agus tha na fearainn a’ dol na’s gainne na h-uile bliadhna, air chor ’s nach fhada bhios moran aig pàrlamaid an eilein ri dheanamh ach fhaicinn gu bheil an òigridh a tha ’g éiridh suas air an deagh fhoghlum, ni a tha iad a deanamh gu math an dràsda fhéin. Tha deich buill fhichead anns a phàrlamaid, agus ma ’s e ’s gu’m bi aca sin ri ’n ùine chosg a’ dealbh dhòighean air an deanar tuilleadh foghluim a thoirt do’n t-sluagh, tha eagal orm gu’n tig an t-àm anns am faodar a radh mu mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa mar a chaidh a radh mu dhuine còir o shean, “Tha mor-fhoghlum ’g an cur air bhoil.” Tha a’ pharlamaìd a’ cruinneachadh gach geamhradh ann an tigh briagha claiche an teis-meadhon a bhaile. Chaidh a thogail o chionn mu fhichead bliadhna, agus tha da thigh mhor eile air an cur suas uaithe sin, fear air gach taobh dhe, tigh a’ phosta, agus tigh na cuspuinn. Tha iad ’nan tri togalaichean gasda agus a’ cur square dhe’n bhaile fòdhpa. Tha cuairtean de fhlùraichean agus fuaran-spùtaidh mu’n coinneamh a tha cur sealladh briagha dhiubh. (Ri leantuinn.) NA BAIRD GHAIDHEALACH. Tha mu cheud is ceithir fichead is ceithir taobh-duilleig anns an leabhar so, “Na Baird Ghaidhealach bho’n bhliadhna 1775 gu 1825.” Tha eachdraidh ghoirid air a toirt seachad mu dha fhichead bard ’sa coig, agus beagan oran leis gach fear dhiu. Tha an eachdraidh fior-fheumail. Am measg nam bard mu bheil iomradh air a thoirt seachad tha Somhairle Camaran, Domhnall Gobha, Aonghus Caimbal, Mr. Tormaid Mac Leoid, Mr. Iain Mac-a-Ghobha, Ailein Dall, Coinneach Mac Coinnich, Calum Dubh Mac-an t-Saoir, Seumas Mac-Gille-Sheathanaich, Uilleam Ros, Calum Ban Mac-Mhannain, Mr. Rob Mac Griogair, Alasdair Mac Fhionghain, Eoghan Mac Lachainn, Domhnallach na Toiseachd, Padruig Grannda, Domhnall Mac Leoid, am Bard Mac Gilleain, Dughall Mac Eachairn, Gobha na Hearradh, agus am Piobaire Mac Gillebhrath. Co nach cuala oran binn Shomhairle Chamarain, ’S mi ’m shuidhe am onar air tulaich bhoidhich? ’Sann mu Sheonaid Stiubhart a rinn e ’n t-oran. Cha do phos e-fein no Seonaid riamh. Chaochail e mu’n bhliadhna 1792. Rugadh Mr. Tormaid Mac Leoid san Eilein Sgitheanach. Bha e lan bardachd. B ’e Tormaid a Chuairteir, Tormaid Og, a mhac. Chaochail sean Tormaid sa bhliadhna 1824. Bu sgoilear ainmeil Mr. Iain Mac-a-Ghobha. Chuir e am mach sean dana le Oisein, Orrann, is Ulann sa bhliadhna 1787. Tha eachdraidh fhada air a toirt seachad mu Ailein Dall. Tha e air a mholadh mar bhard binn, ach tha cuid de na h-orain a chuir e am mach na leabhar air an diteadh gu cruaidh. Rugadh Calum Dubh Mac-an-Saoir mu ’n bhliadhna 1755. Bha e gun teagamh sam bith na dheagh bhard. Tha Uilleam Ros a faighinn cliu ard. ’S i eachdraidh Eoghain Mhic-Lachainn te is faide a tha san leabhar. Bha e na sgoileir iomraiteach ’s na bhard comasach. Rugadh Padruig Grannda an Strathspe sa bhliadhna 1783. Chaochail e an 1868. Rugadh Iain Piobaire sa bhliadhna 1792. Chaochail e sa bhliadhna 1862. [TD 135] [Vol. 5. No. 18. p. 7] ’S e am bard mu dheireadh a tha air ainmeachadh. Tha na h-orain uile taitneach, agus tha e furasda an leughadh is furasda an tuigsinn. Tha dochas againn gu’m faigh sin uair eigin Na Baird Ghaidhealach bho’n bhliadhna 1825 gus an la an diugh. Ach biodhmaid taingeil an drast airson na fhuair sin. Tha eachdraidhean matha againn agus orain mhatha. Biodh daoine dileas do chainnt nan Gaidheal agus ceannaicheadh iad an leabhar. Cha bhi aithreachas sam bith orra; ’s ann a bhios iad toilichte e a bhith aca. Ann am baile Pheairt, o chionn bhliadhnachan, bha seann saighdear de’n Fhreiceadan Dhubh. Bha e an sud a chum ’s gu’m faigheadh e gillean gu gabhail anns an àrm dhearg. Anns na laithean ud, fhuair gach gille a ghabhadh anns an àrm, dà phunnd Sasunnach o fhialachd an Righ. Aon latha, thainig gille dh’ ionnsuidh an t-seann shaighdeir, agus an deidh daibh a bhi bruidhinn ri cheile ghabh e anns an Fhreiceadan Dhubh. Anns a’ chòmhradh a lean dh’fheoraich e dé a gheibheadh an saighdear airson gach fear a fhuair e airson an airm; thuirt an seann duine “Coig tasdain.” “Am faigh” ars an gille “ma ta nuair a gheibh mi an t-airgiod fialachd, ruithidh mi air falbh, agus ann an ceann ùine thig mi ad ionnsuidh a rithist, gabhaidh mi anns an àrm an dara uair, agus bithidh dà phunnd Sasunnnach eile agamsa agus bithidh còig tasdain eile agadsa.” Bha làn eòlas aig an t-seann shaighdear air cuilbheartan nan gillean aims an àrm ach cha chuala e riamh a leithid eile airson deirg dhanadais. Sheall e le iongantas agus pròis air a’ ghille agus a’ glacadh a làimh thuirt e “A ghille mo chridhe! nach tusa an gille tapaidh, dàna! mur ’eil thu air do chrochadh, no air do thilgeadh a mach as an Reiseamaid, gun teagamh, eiridh tusa gu bhi ’nad Sheanalair.” Litir a Ceap Nor. A CHARAID,—Cha’n eil ach ùine ghearr o na sgriobh mi thugaibh roimhe, ach o na chunnaic mi gu’n robh sibh ga meas na litir phongail, ’s math a ni mur do chuir sibh a leithid a phròis orm ’s gu’m feum sibh comhairle thoirt orm an deigh so mo lamh a chumail o sgriobhadh cho tric a dh’ ionnsuidh a MHAC-TALLA, air eagal le mo shior sgriobhadh gu’n sgithidh mi e, ’s gu’n gabh e grain dheth m’anam. Ciod air bith a thachaireas a thaobh sin ’s eigin dhomh innseadh dhuibh nach sgriobhainn an litir so an dràsta mur bhitheadh an dolair a gheibh sibh na broinn o bhur deagh bhan-charaid Anna Chaimbeul, air son bliadhna eile dhe ’n MHAC-TALLA. Na’m biodh na Gàidheil uile, eadar fhir a’s mhnathan, anns gach àite, cho deidheil air a bhi ga ghabhail ’s a pàidheadh air a shon, rithise, cha bhiodh uireasbhuidh na dìth air a MHAC-TALLA gu bràth. Nach fior an rann a rinn am bàrd nach ainmich mi, “Cuid cha chuir ’ga iarruidh, Tha dolair ri dhioladh; Leughaidh iad e ’n iasad, Spiocairean—nach can mi?” Tha ’m buntàta gle ghann mu na cladaichean so am bliadhna; ach tha e pailt agus math a muigh far am bheil sinne—mu ochd mile o’n chladach. Tha 55 barailean agam féin, agus ni’s mò na sin aig teaghlach no dha eile. Tha mi cluinntinn gu bheil moran deoch làidir ’s an aite so am bliadhna, ’s gu bheil tuilleadh gus a dhol na ceann, ach tha e ’na thoileachadh dhuinn gur gann a tha duine air an taobh againne dhe an eaglais a bhlaiseas oirre. Cha’n ’eil sinn a mach á cunnart air a shon sin. Slan leibh. M. D. Oct. 26, ’96. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. [TD 136] [Vol. 5. No. 18. p. 8] Mar a Chaidh Menelaus a Lot Le Pandarus. Air a thionndadh gu Gàilig Abraich: bho ’n cheathramh Duan de ’n Iliad— LE EOBHAN MAC LACHLAINN. Labhair i ’s dh’ impich foill, Crìdh gun sgoinn gu gnìomh gun bhuaidh: Tharruing e ’n tiota air lom Bogha crom bu lìomhaidh snuagh. A dh’crean bras-ghaibhre nan cruach A bhuail ’fhiubhaidh luath roimh ’n chliabh; A preas-falaich leum an calg, ’S i ’dìreadh nan garbhlach liath. ’S teach ’n a h-uchd chaidh an gath searbh, Thuit i marbh air creag nan sliabh; Bha sia bann-lamh’ deug air àird’ ’S na h-adh’rcean a b àillidh snìomh. Ceàrd seòlta nan iubhar caol Chuir air ghleus an fhaodail chòrr— Shnaigh e ’n slios gu dealbhach, grinn, ’S chòmhdaich e ’n dà ruinn le h-òr, Leag e sìos air lar am ball, ’S shnaim e ’n taifeid ùr gu teann, ’S an cleith bho shùl-bheachd na Gréig’ Air chùl sgiath nan treun gun mheang, Chum ’s nach brùchdadh neart nan nàmh A mhosgladh a’ bhlàir romh ’n àm, Seal mu ’m biodh fuar marbh, fo chreuchd, Ceannard Greugach nan geur lann. Thog e beul-còmhdaich a’ bhuilg, ’S fhuair e calg guineach a’ bhàis, Frith-bhacach, iteach, ùr, slìm, Aobhar nan deich mìle cràdh, Ghrad-chuir e ’n t-saighead an crois, Saighead gheur nan dosgainn truagh; ’S rinn ùrnaigh bho chridh’ gu dian Ri mòr-dhia nam fiùbhaidh luath; ’S gheall iar ’ath-philleadh gu ’thìr Gu ’n tairgeadh e an ìobairt shaor, A choig fichead ceud-ghin nan Air làr Shelia, stuaigh a ghaoil. An sin ghlac an cuimsiche còrr An èarr ghobhlach, ’s an deagh shreang; Tharruing e ’n taifeid gu ’chìch, ’S a chuilc dhìreach gu fior-cheann; ’N uair bha ’m bogh air a shàr-lagh Mar mhòr-chearcall, a’ spadh chruaidh, A dha bhàrr cuideachd, ach gann, Bhreab am bail bu ghliongrach fuaim. Shrann an taifeid le h-àrd-eubh Leum air ghaoth nan speur ’n a still Le h-acras caothaich gu feòil* Fiòbhaidh chròcach nan geur-ruinn. Dhuts’, a Mhenelàuis thréin, Cha b’ ascaoin na dé bhith-bhuan: ’S i Pallas euchdach nam blàr ’Dhìon bho ’n Eug thu ’s a’ chàs chruaidh. Thill i ’n dealg-bhior bho d’chaomh chneas, Mar mhàthair an taìc a luaidh, ’Dh’ fhuadaicheas creithleag bho ghnùis, ’Micein ùir ’s e trom ’n a shuain. Stiuir Pallas gu seòlt’ an calg Gu sreath ghrinn nan ailbheag òir A dhaingnich an crios gu dlùth Far ’m bu dùbailt uchdach chòrr. Lot an t-iarrunn stim nan gréis Gòrsaid cheutach nam breac dhealbh, ’S an fhalluing ri taic a chléibh A bhac neart nan reub-ghath searbh, Riach an gàinn’ a chraicionn maoth Romh ’n deagh-fhaobh bu dlùth ri ’chòm; An fhuil chraobhach bhrùchd gu luath ’N a blàth shruithean ruadh romh ’n toll. Anns an teine bh’ ann am Montreal o chionn ghoirid chaill àireamh dhaoine am beatha a’ toirt oidhearp air a chur as. Chaidh airgead a chur cruinn gus cuideachadh a dheanamh le ’n teaghlaichean. Thainig a’ chuid mu dheireadh dhe a stigh an la roimhe, a’ cur na suime suas gu ceithir mile deug dolair. Solus a’ Dealradh mach a Dorchadas. EADAR-THEANGAICHTE LEIS AN URRAMACH ALASDAIR CAMSHRON. An dòighibh dìomhair gluaisidh Dia, Thoirt ’iongantais mu’n cuairt; Mar charbad dha tha ’n doinionn dhian, ’S tha lorg a’ chois’ ’s a’ chuan. An doimhneachdan do ghliocas sìor Tha ’ruintean taisgte suas; Iscuirear leis a thoil an gnìomh, Mar ’s miann leis féin gach uair. Ur-mhisneach glacaibh, naoimh gun treòir, Na neòil a’s duirch’ tha làn Do thròcair chaoimh, is dòirtear leò, Oirbh maitheas mòr gun dàil. Na measaibh Dia tre shealladh mhàin, ’N a ghràs cuiribh ’ur dùil; Air cul an fhreasdail dhuirch tha gràdh A’ lasadh ghnàth ’n a ghnuis. A ruintean abaichidh gu luath, ’S iad fosgladh suas gun tàmh; ’S ged robh a’ ghucag searbh ’s an uair, Bidh mills’ is buaidh ’s a’ bhlàth. As-creidimh dall théid clì ’s gach ceum, Gnìomh Dhé a chaoidh cha sgrud; ’S e Dia ’s fear-mìneachaidh dha féin, ’S ni soilleir réidh gach cuis. Chaidh trosg a ghlacadh aig Rudha Flamborough, an Sasuinn, o chionn ghoirid agus fhuaireadh ’na bhroinn leth-cheud dubhan ’sa naodh, ’s biadh air gach fear dhiubh. Bha e feuchainn ris an tri fichead a dheanamh dheth, ach cha deachaidh sin leis. Cha ’n eil duine ann cho suarach ’na chaithbeatha ’s nach feud a ghiulan a bhi chum lochd d’ a choimhearsnach. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. REIC AODAICH A’s mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh. A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct. Tha mi ’n deigh stoc anabarrach mor de dh’ Aodaichean Deante a cheannach bho na taighean a’s fhearr an Canada, air pris cho iseal ’s gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu, Cho saor ’sa dh’ iarradh tu. Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caite ’m bheil sinn. Anns an stor a tha ’n aon tigh ais a’ Bhanca. D. J. DOMHNULLACH. [TD 137] [Vol. 5. No. 19. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 14. 1896. No. 19 Litir a Alba. Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a gharaidh Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA.—Tha ’n t-sìde cho fuar an diugh ’s nach urrainn mi car a dheanamh anns a’ ghàradh. Bha mi an dé ’s a’ mhò ’n dè ag obair anns a’ ghàradh cho trang ’s a b’ urrainn domh. An uair a thàinig mi dhachaidh anamoch an dé, cha tugadh tu da sgillinn orm. Bha mi fliuch, salach. Bha mi cho sgith ri each dubh Challum óig, an latha ’chuir e steach na còig chruachan arbhair. Bha mo dhà bhròig mhòra, ghrannda, cho làn puill is eabair ’s gu ’m b’ eiginn domh an nigheadh ann an lòn mu ’n d’ thàinig mi steach. Tha mi air mo shàrachadh; agus thuirt mi rium fhein an diugh, an uair a dh’ éirich mi, gu suidhinn a’ garadh mo chas fad an latha, o nach b’ urrainn domh a’ bheag a dh’ obair a dheanamh anns a’ ghàradh. Mar a tha ’n sean fhacal ag ràdh, “An uair a bhios am bodach ’na thàmh, bidh e ’ruamhar.” Smaoinich mi gu’n tòisichinn ri ruamhar air feadh m’ inntinn, agus air feadh sheann leabhraichean ’s air feadh sheana phaipearan, feuch ciod a gheibhinn annta freagarrach air son a chur ugad. Tha fhios agam gu bheil am MAC-TALLA a’ toirt mòr thoilinntinn do dh’ iomadh neach, araon air an taobh so, agus air an taobh thall de ’n chuan; agus bu mhath leam, nam b’ urrainn domh, gach toileachadh ’n am chomas a thoirt do na Gàidheil a tha ’leughadh do dheadh phàipear air feadh an t-saoghail mu ’n iath a’ ghrian. Ma ’s fhìor mar a chuala mi an uair a bha mi òg, bha comas bruidhne aig gach creutair beò fo ’n ghrein. Gun teagamh sam bith bruidhnidh gach creutair beò ri chéile ’nan dòigh fhein; ach is e fìor bheagan a theid agamsa no agadsa air a thuigsinn de ’n chomhradh a bhios eatorra. Tuigidh sinn cuid de na bhios iad ag ràdh. An uair a bhios na cearcan a’ breith gu trang, bidh an aon ghlag aca ’s iad ag ràdh.— Gog, gog, gog, gog, Gog, gog, gaoith: Beiridh mise h-uile latha ’S cha bheir an crodh laoigh. Nam biodh cluasan gu éisdeachd aig daoine, is iomadh ruh a chlunneadh iad. Bha duine ann aon uair a chuala piodhaid agus comhachag a’ bruidhinn ri cheile. Bha a’ phioghaid bruidhneach, luath-bheulach, mar bu dual dhi, agus bha a’ chomhachag sàmhach gu nàdarra; oir, o’n a b’ ann air na luchainn a bha i ’tighinn beò, cha fhreagradh e dhi a bhith ri glagadaich ’s ri gleadhraich bhruidhne, mar a bhiodh a’ phioghaid. Tha a ghoré fhein anns gach creutair. Mar bu mhò a dheanadh a’ phioghaid de bhruidhinn, is ann a b’ fhearr a choisneadh i a biadh; agus mar bu lugha dheanadh a’ chomhachag de bhruidhinn, is ann a b’ fhearr a dheanadh i sealg am measg nan luch. Ach mar is minic a thachair, bha ’n dara eun a’ faighinn beum do ’n eun eile. Thachair iad air feasgar àraidh ri chéile anns a’ choille, agus, a réir mar a chuala mise o chionn iomadh bliadhna, bha ’n comhradh a leanas eatorra. Cha chuala mise e; ach am fear a bha ’g an éisdeachd, so mar a dh’ aithris e an sgeul.— An uair’ bha’ Ghàilig aig na h-eòin ’S a thuigeadh iad glòir nan dan’; Bu tric an comhradh ’s a’ choill’ Air iomadh ponc, ma’s fìor am bàrd. Thàinig pioghaid luath na gleadhraich; Shuidh i air grod-mheur osach fearna; Bha chomhachag ’na gur ch riabhach, Mu coinnibh gu ciallach, samhach. Dh’ éirich a’ phioghaid gu grad; Thuirt i, ’s i ’stailceadh a bonn: “An d’ thusa sin a’ d’ mheall air stob? An-uair air do chiod-cheann trom. ’M bi do theangadh ’ghnàth fo ghlais, ’S tu gun luaidh air neach no nì, Cho dùinte ri seana chloich bhric? A spuch-shuileach a’ chnaip, gun bhrigh!” “Pu-hu hu-hù, tha thusa faoin,” Ars’ eun maol a mhothair chòir, O’n ’s mis’ tha fiosrach ’s a’ chùis, Fheudall ’s beag an tùr tha d’ ghlòir. “Cha bheus leamsa glige-ghlaige; Chaoidh cha ghabh mi tlachd de ’n luath-bheul; Labhraidh mi ’nuair chì mi feum air; ’S cha choisinn mo bheul dhomh bruaillean. “Ach ’s tric càch ort fhein a’ magadh, ’S a liuthad giug-mhearachd bristeach Thaomas le cladhaireachd fhacal O shìor-chabar guib gun tuigse.” Bu ghreis dhaibh mar so ’s a’ chonnsbaid A’ gearr-bhearradh glòir a chéill, Gus an do leum a nuas an glaiseun; ’S rinn esan gach beirt a réiteach. Air gach taobh ’n uair ’chual e ’chùis, Thuirt e riù le rùn gun chleith; “Ma ’s a fhiach mo bhriathran áisdeachd, So mar dheanainn fein dhuibh breith. “Is iomadh barrail am measg sluaigh; Is toigh le cuid ni ’s fhuth le càch: Pàirt thoir direach na ni cùis, ’S cuid nach dàirig sgur gu bràth “Tha àm gu labhairt ’s àm bhith sàmhach, Am gu cràbhadh ’s àm gu cleasachd; Am gu bròn is am gu àbhachd, ’Sona ’n dream a thàras ceart iad. “’S lìonmhor iad do’n ainm bhith tuigseach, O ’n d’ thig mìle facal cearbach, Corr uair a mheasas tu gòrach, Le tuilleadh ’s a’ chòir de sheanachas. “Neach dha ’m bi ’theangadh fo smachd, ’S ainmic leis gu ’n gluais e lochd; Saoilear gu ’m bi ’n umaidh glic Nam b’ eòl dha bhith tric ’na thosd.” Nach bu tuigseach an t-eun an glaisean? Nach anabarrach math a’ chomhairle a thug e air a’ phioghaid ’s air a chomachaig? An ùine gun bhith fada, cluinnidh tu uam. O nach ’eil mòr eolas aig sluagh òg an latha ’n duigh air bàrdachd Oisein, tha mi ’smaointean nach biodh e as an rathad dhomh beagan a sgiobhadh agad an dràsta ’s a rithist de na chuala mi an uair a bha mi ’n am Dhonnachadh òg. Is mi d’ fhìor charaid an latha chi ’s nach fhaic, BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, Oidhche Shamhna, ’96. Sop as Gach Seid. Biodh eagal a’ bhàis ort, ach na biodh geilt agad roimh. Cha ghabh neach sam bith co taitneach ri smachdachadh, ’sa ni an neach sin a’s lugha a ta ’ga thoilltinn. Cha bu chòir do dhuine a bhi air a mheas air son a chodach no a bhuaidhean, ach air son an fhéuma a ni e dhiubh. Tha e gu tric a’ tachairt gu’m bheil iadsan a ta miannachadh an uile do mhuinntir eile, glé chinnteach gu’n d’ thig an t-olc gu’n dàil orra fein. Tha gniomhara ’nan steigh urraim ni’s àirde na comhradh. Nach’ eil thu ’tuigsinn gu’m bheil beatha ni’s airde agus ni’s urramaich ’na briathra? An uair a dh’ fhàsas sinn aosda cha’n fhuras d’ar cairdibh ar toileachadh, agus cha’n ’eil mòr-chùraim orra cia aca tha sinn toilichte no nach ’eil. Théid a’ chuis leat ma ni thu gu maith an ni a tha ’nad’ chomus a dheanamh, oir, cha’n ’eil e ’nad’ chomas na h-uile nithe a dheanamh. [TD 138] [Vol. 5. No. 19. p. 2] “MIANN A’ BHAIRD AOSDA.” Chaidh am paipeir a leanas a leubhadh aig a h-aon de choinneamhan comunn Gailig Ghlascho, o chionn beagan bhliadhnaichean air ais le Niall Mac Leoid, ughdar Clarsach an Doire. Cha ’n ’eil eachdraidh a’ cur mòran soluis dhuinn air beatha ’bhàird so, cha ’n ’eil fios cìnnteach againn air ’ainm no air a shloinneadh. Cha ’n ’eil dearbhadh againn air cuin a bha e beò, no c’ àit’ an robh e còmhnuidh. Ach tha aon nì a tha sinn lan chìnnteach as d’ a thaobh, agus ’s e sin, gu’m bheil dreach agus blas na h-aoise air an dàn maiseach a dh’ fhàg e againn mar dhìleab. Chaidh iomadh eadar-theangachadh a dheanamh air “Miann a’ bhaird aosda.” Tha h-aon dhiubh le boirionnach foghluimte agus tuigseach, bana Ghranndach an Lagain. Chaidh eadar-theangachadh finealt’ agus snasmhor a dheanamh air bho chionn beagan bhliadhnaichean air ais leis an Urramach an t-Ollamh Macmhaoilean ann an Grianaig. Ach dìleas agus comasach ’s mar a tha na h-eadar-theangaichean sin, cha ’n ’eil a h-aon dhiubh a’ toirt a mach làn bhrìgh agus maise an dàin so mar a chaidh a chur ri chéile an toiseach ann an cainnt aosda agus bhlasda nan Gàidheal. Tha tri nithe àraidh a fhuair àit’ àrd agus sonraichte ann am bàrdachd nan seann Ghàidheal. Agus ’s iad sin, maise obair naduir, gaol, agus gaisgeadh. Agus tha na trì nithe sin ’g an taisbeanadh fhéin gle shoilleir ann am “Miann a bhàird aosda.” Faodaidh sinn dol air ais le ar mac-meanmainn agus am bàrd fhaicinn ’na fhior sheann duine; agus tha e coltach gur e duine treun agus gaisgeil a bh’ann na latha fhéin. Agus fior bhàrd, anns an robh spiorad uasal agus rioghail, agus aig an robh co-fhaireachadh beò agus blàth, ris gach nì agus neach a bha fiughail agus maiseach anns an t-saoghal mu’n cuairt air. Ach tha e nis air fàs cho anmhunn agus cho lag le sean aois agus gu ’m bheil e ’n eiseamail a chàirdean gu bhi ’g a threòrachadh mu ’n cuairt. Agus tha e ’g innse dhoibh ’n a chainnt bhlasda fhéin c’ àite am bu mhiann leis iad ’g a chur:— “O càraibh mi ri taobh nan allt, A shiubhlas mall le ceumaibh ciùin, Fo sgàil a bharraich leag mo cheann, ’S bi thus’ a ghrian ro-chàirdeil rium,” “Gu socair sìn ’s an fheur mo thaobh, Air bruaich nan dìthean ’s nan gaoth tlàth, ’S mo chas ’g a’ sliobadh ’s a’ bhraon mhaoth, ’S e lùbadh tharais caoin tro ’n bhlàr.” Tha e soileir ri fhaicinn gu ’n robh an t-aon ghnè miann agus ionndrainn a plosgadh ann an cridheachan chlann nan daoine air feadh gach linn agus ginealach de ’n t-saoghal. Gheibh sinn righ Daibhidh, bàrd mor nan Eabhruidheach, bho chionn mhiltean bliadhn’ air ais, a’ cur an céill a mhiann fhéin ann am briathran gle choltach ri cainnt a “bhaird aosda.” Ge do dh’ éirich Daibhidh bho bhi ’n a bhuachaille chaorach, gu bhi ’n a righ mor agus cumhachdach, air a chuartachadh leis gach sògh agus urram a b’ urrainn an saoghal a thoirt dha; tha thogradh agus a dhùrachd a dol air ais gu laithean òige, agus gus no h-ionadan sin a b’ àbhaist sìth agus sòlas a thoirt dha ’n uair a bha e ri buachailleachd caoirich athar. Tha làn earbs’ aig Daibhidh ann an Ard bhuachaill’ anma gu’n toir E dha ’mhiann. Agus ann a’ neart an dòchais sin tha e brisdeadh a mach le òran maiseach fhéin:— “Bheir E fa’ near gu ’n laidhinn sios Air cluainibh glas le sith; Is fòs ri taobh nan aimhnichean Theid seachad sios gu mall, Tha E ’ga mo threòrachadh Gu min réidh anns gach ball.” Tha e coltach gu ’n robh tlachd mhòr aig na bàird anns gach linn, agus anns gach dùthaich, a bhi cur cuid de ’n uine seachad ri taobh nan sruthan uisge. Gheibh sinn nis fhaisge air ar latha fhin, bàrd binn milis Lochabar, Eobhann Mac Lachlain, ann an “Oran an t-Samhraidh,” ag innse an taitneas a bha aige ann a bhi gabhail a’ chuairt ri taobh nan aimhnichean:— “B’ e m’ éibhneas riamh ’n uair dh’ éireadh grian‘ Le cheud ghath tiorail blàth oirnn, ’Bhi ceumadh sios gu beul nam mìn-shruth, ’S réidh ghorm lìth mar sgathan; A’ snàmh air falbh gu sàmhach balbh, Gu cuantaibh gailbheinn sàil ghlais, Troimh lùbaibh cam le sraithibh ghleann, ’Tha tilgeadh greann a’ Mhairt dhiubh.” Cha ’n ’eil teagamh nach robh na bàird a faotainn tomhas àraidh de shòlas balbh ann an co-chomunn nan uisgeachan. Agus ann a bhi ’g éisdeachd ri crònan trom tiamhaidh nan allt, a tha ann an tomhas mòr gle choltach ri beatha nam bàrd féin; a bhiodh iomadh uair gu bruailleanach, dorcha, trioblaideach, agus aig amaibh eile a’ siubhal gu sèimh ciùin, ceòlmhor. Agus mar a thachair do na h-uillt, bu tric leis na bàird a bhi gu h-aonaranach, agus gu ’n fhios do ’n t-saoghal a’ taomadh a mach an caoidh agus an gearan ann an diomhaireachd am fairichidhean fhéin. Far an do mhiannaich am “bàrd aosda” a bhi, cha robh ni truaillidh ri bhi ’na phaillinn:— “Mu ’n cuairt do bhruachaibh àrd mo ghlinn, Biodh lùbadh gheug ’us orra blàth; ’S clann bheag nam preas a’ tabhairt seinn, Do chreagaibh aosd’ le òran gràidh.” Anns an dàn so tha ’m bard a’ toirt dhuinn ath-shealladh air a bheatha gu h-iomlan. Tha e toiseachadh le laithean sona na h-òige, ’n uair a bha aignidhean glan gun truailleadh; a chridhe maoth agus neo-lochdach. ’N uair a bha e comasach air làn thoilinntinn a ghabhail ann am mais’ agus òirdhearcas a’ chruinne-ché. Blàthan na machrach a’ dealradh mu’n cuairt air ’n an glòir. An spréidh le ’n àl ag ionaltradh air gach cluain agus blàr. Mactalla, le ’ghuth fada, fann, a’ freagairt “òrain ghràidh clann bheag nam preas.” Na h-uain òga agus na minn bheaga, ’n uair a bhiodh iad sgìth dhe ’n cluich agus de ’mireag a’ cadal gu sèimh na uchd:— “Freagradh gach cnoc, agus gach sliabh, Le binn fhuaim geur nan aighean mear. ’N sin cluinnidh mise mìle geum, A’ ruith mu’n cuairt dhomh ’n iar ’s an ear.” “Mu ’n cuairt biodh lu-chleas nan laogh, Ri taobh nan sruth, no air an leirg, ’S na minnain bheag de ’n còmhrag sgìth, ’N am achlais a cadal gun cheilg.” Ach taitneach agus sòlasach ’s mar a tha laithean na h-òige feumaidh daoine am fàgail ’n an déidh, agus an aghaidh a chur air dleasanais, cùraman, agus trioblaidean an t-saoghail. Tha ’m bàrd a nis a tighinn gu bhi gabhail àite fhéin mar dhuine ann an caithe-beatha agus cleachdaidhean a luchd dùthcha anns an latha ’s an robh e beò, gu h-àraidh sealg agus cogadh:— “Biodh ceum an t-sealgair ri mo chluais! Le sranna ghath, ’us chon feadh sleibh, ’N sin deàrrsaidh an oige air mo ghruaidh, ’N uair dh’ éireas toirm air sealg an fhéidh. ’N sin chi mi, ar leam an gadhar, A leanadh mi anmoch ’us moch; Na sléibh ’bu mhiannach leam a thaghall, ’S na creagan a’ freagairt do’n dos. Chi mi Beinn-àrd is àillidh fiamh, Ceann-feadhna thar mhile beann, Bha aislig nan damh ’n a ciabh, ’S i leabaidh nan neul a ceann.” Bidh fadachd air an òigridh gus an ruig iad aois dhaoin’ agus mhnathan, ach cha luaithe a thig iad thun na h-ìre sin na gheibh iad a mach ma tha sòlasan anns an t-saoghal gu’m bheil doilgheasan ann. Ma tha aighear ann tha bròn ann. Mar a thachair do ’n t-seillean, ma tha mil ann tha gath ann. Tha cuid ann agus ’s e bhuaidh a tha aig meallaidhean agus trioblaidean an t-saoghail orra bhi ’g an deanamh cruaidh, crosda, agus an-iochdmhor. Ach tha cuid eil ann agus ’s ann a bheir na nithe sin a mach a’ chuid is fìnealta agus is maisiche dhe ’n nadur, agur b’ ann diubh sin am “bàrd aosda.” Mar a thachair do iomadh bard a bharrachd air, tha e coltach gu’n do thuit am “bard aosda” ann an trom ghaol air òigh mhaiseach. Ach cha do shealbhaich e sonas a’ ghaoil sin fada. Ann an ùr mhaduinn a h-òige, a mùirn, agus a h-àilleachd, chaidh cuspair a’ cheud ghràidh a sgarradh uaithe leis a’ bhàs. Dhùisg sin ann an tomhas mor a bhàigh agus a cho-fhaireachadh ris gach dùil eile a chitheadh e air am fàgail gu brònach, aonaranach, mar a bha e fhéin:— “Bi thusa ri dosan nan tom, Is cumha do ghaoil ann ad’ bheul, Eala’ thriall bho thìr nan tonn, ’S tu seinn dhomh ciùil an àird nan speur. O! éirich thusa le t-òran ciùin, ’S cuir naigheachd bhochd do bhròin an céill, ’S glacaidh mactalla gach ciùil, An guth tùrsa sin o d’ bheul.” Tha bhi còmhradh mar sin ris an eala a toirt a chall fhéin gu cuimhn’ a’ bhàird:— “Bheil deòir do rosg, O! thusa ribhinn, Is mìne màise ’s a’s gile làmh, [TD 139] [Vol. 5. No. 19. p. 3] Sòlas gan chrich do ’n ghruaidh mhaoth, A chaoidh nach gluais bho ’n leabaidh chaoil.” Mar a b’ fhaide bha ’m bàrd a meòrach air aobhar a bhròin ’s ann bu truime agus bu doimhne a bha ionndrainn agus a chaoidh a’ dol a mach an déidh na h-òighe do ’n tug e ’cheud rùn. Tha e nis a guidhe gu’m faiceadh e e-féin agus ise aon uair eile anns na suidhichidhean sòlasach anns am b’ abhaist dhoibh tachairt ri ’cheile ged a b’ann an taisbeanadh no ann am bruadar na h-oidhche:— “An sin thig thu, O! aisling chiùin, Tha ’g astar dlu measg reull na h-oidhche, Bhiodh g ioma m’ oidhche ann ad’ cheòl: Toirt aimsir mo mhùirn gu m’ chuimhne. O! m’ anam faic an ribhinn óg, Fo sgéith an daraich righ nam flath, A lamh sha[?]chd’ measg a ciabhan òir, S a mheall-shàil chiùin air òg a gràidh. E[?] a’seinn ri ’taobh ’s i balbh, Le ’cridhe leam ’s a snàmh ’n a cheòl, ’S an gaol bho shùil gu sùil a falbh ’Car stad air féidh nan slébhtean mor. Solas g[?] ich do ’n chomunn chaomh, A dhùisg [?] m’ aoibhneas ait nach till, ’Us beannachd do t-anams’ a rùin. A nighean shiùin nan cuach chiabh grinn.” (Ri leantuinn.) Tighinn nan Romhanach. Anns a’ bhliadhna 55 R. C. thàinig an duine comharraichte ud, Iulius Cesar, Impire na Roimh, gu oirthir a deas Bhreatuinn ’s an àite ris an abrar Cent, le càbhlach lionmhor (ceithir-fichead long) air bòrd an robh àireamh mòr shaighdearan. Air feasgar là àraidh, ’am mios meadhonach an Fhoghair, dhlùthaich e ris an fhearann; ’s mar bha muinntir na tìre ’faicinn nam brataichean Romhanach a’ snàmh ’s a’ ghaoith o chrannaibh nan luingeis, bha iad ag aithneachadh nach bu shìth no càirdeas a bh’air aire nan coigreach. Chrioslaich gach fear air a chuid armachd, ’s thug e aghaidh air a’ chladach co luath ’sa dheanadh a chasan e; ’s ’nuair a bhuail an luingeas an sròn air tir bha ’mol còmhdaichte le saighdearaibh Breatunnach, rùnaichte nach faigheadh na h-eilthirich ud cothrom an cas a chur air tir. Steall Cesar air am feadh fras calachan mòra as na h-innealaibh cogaidh a bha na Ròmhanaich a’ gnàthachadh air son briseadh bhallachan ann an teinne. Rinn so bhagan sgaolidh air an fheadhainn a bh air a’ mhol, ach cha do ghabh iad eagal no teicheadh. Fadheòidh leum fear-iomachair brataich an deicheamh legion do’n mhuir, a’ glaodhaich, “Leanaibh mi, a chompaidhean, mur maith leibh ’air bratach fhaicinn air a glacadh!” Air cluinntinn so do na saighdearan dha chumadh iad orra féin [?] b’ fhaide; leum gach fear a mach direach roimhe, ’s chum e ’aghaidh air tìr. Ach chaidh na Breatunnaich a mach gu’n leasraidh g’an coinneachadh; bhuail iad air a’ chéile ’an sud, ’s chaidh am muir a dheanamh dearg leis na dhòirteadh de fhuil ’s a’ cheud fhàilteachadh a rinn iad air a chéile. Ach le cuideachadh nan crann-tabhuill air bòrd nan luingeas, agus le lìonmhoireachd an àireamh a bh’ann diubh (10,000) fhuair na Ròmhanaich gu tir tioram; chaidh iad an òrdugh, ’s chuir iad an ruaig air na bha làthair de na Breatunnaich. Tha eachdraidh ag innseadh gu’n robh armachd nam Breatunnach ’s an àm ud co maith ri armachd nan Ròmhanach féin. Tha e coslach gu’n robh iad air eòlas fhaotainn air an iarrunn greis roimhe sud, oir bha armachd iarruinn ’an làimh na h-uile fir, ’us innealan eile de iarrainn ri’m faicinn ’s gach àite. Ach bha na Ròmhanaich a’ buadhachadh orra ’s na h-uile blàr suidhichte a chuir iad riù, a chionn gu’n robh iad ni b’ionnsaichte ’an cleasaibh an airm, ’s nach robh na treubhan Breatunnach a’ dol ’an guaillibh a chéile air son cur an aghaidh an namhaid, ach gach aon fa leth dhiubh ag oidhirpeachadh iad fein a dhion ’n uair a thigeadh an nàmhaid air am muin. Mar so ghabh na Ròmhanaich air an aghaidh gus an d’ ràinig iad faisg air an àit’ an robh ’chrioch eadar Sasunn ’us Alb’ an déigh sud. Thog iad sreath dhaingnichean ’an sin o mhuir gu muir tarsuinn na dùthcha. Bu mhor-roinn Romhanach na bha deas air an t-sreith ud, air a riaghladh le uachdaran Ròmhanach; ach bu le seann luchd-àiteachaidh na tìre na bha tuath oirre, ris an abradh iad Albion o shean, ’s ris an abair na Gàeil, Alba, gus an là an diugh. 2. Anns a’ bhliadhna 80 A. D. bha uachdaran Ròmhanach a’ riaghladh ceann a deas an eilein d’am b’ ainm Agricola, a smuainich air an eilean gu h-iomlan a thoirt fo chìs do na Ròmhanaich. Leis an rùn sin chuir e air a’ bhliadhn’ ud aghaidh gu tuath air ceann an airm. Bha sin 135 bliadhn’ an déigh dhoibh sealbh a ghabhail air ceann a deas an eilein. Ghabh e air aghart le cruaidh iomairt, gus an ceann thrì bliadhna, (trì càmpichidhean mar theireadh iadsan), an do cheannsaich e ’n tìr gu iomall a deas an àite de’n dùthaich ris an abrar a nis a’ Ghàeltachd. Sud àit ìs cuinge de’n eilean gu h-iomlan. Cha ’n ’eil ach 35 mìle eadar ceann na Frùi agus taobh amhainn Chluaidh. Thog Agricola sreath dhaingnichean o mhuir gu muir an sud anns am bheil mu 36 mìl’ air fad. Ghoirteadh gàradh Antoniuis ris, oir b’e sud ainm an Impir’ a bh’ ann ’n uair a thogadh e. Bha e fichead troidh air àirde, ’s ceithir traidhe-fichead air tiuighead, ’s dìg leathann, dhomhain, air a cladhach r’a aghaidh. Bha rathad leathann air son nan saighdearaibh a’ ruith air a thaobh deas ò cheann gu ceann; ’s bha daingnichean air an togail o cheann gu ceann deth, ’an uidhe dhà mhìl’ o chéile. Cha robh sud a’ cumail muinntir nam beann o bhi ’n tràths ’s a rìs a’ toirt ionnsuidh air a’ bhalla, ’s orrasan a bha ’ga dhìonadh. 3. Anns a’ bhliadhna 84 A. D. rinn Agricola air son buille thoirt do na h-Albannaich air am fonn féin. Ghabh e ’n t-aiseag air ceann an airm aig Port na ban-righ, ’s thriall e troimh shiorrachd Fiofa gu tuath. Bha na h-Albannaich a nis an déigh fhòghlum air an costas, gu’m b’e aonadh neart, ’s eas-aonadh laigse. Chaidh an luchd-cogaidh ’an ceann a chéile ’n an aon bhuidhinn gus an nàmhaid cumhachdach ud a choinneachadh a bha rùnaicht’ air an cur fo chìs. Fhuair na Ròmhanaich iad air an tarruing ’an òrdugh air monadh Ardoich ’an Siorrachd Pheirt, aig bonn nam beanntan Grampianach. Tha an Seanachaidh Ròmhanach Tacitus, ag ràdh gu’n robh iad 30,000 ’an àireamh; agus na Ròmhanaich 26,000. B’e Galgacus ainm an àird Sheanalair ris an d’ earb na h-Albannaich stiùireadh an airm féin. Cha ’n ’eil iomradh sam bith ’eil’ air an laoch so roimhe sud no na dhéigh, ach tha e coslach gu’m bu duine stuthail e, anns an robh a leithid de dh’earbs’ aca. Agus o na tha Tacitus ag ràdh mu thimchioll ’s an àm ud féin tha e soilleir gu’m bu duine misneachail, geur-shuileach e. Thòisich am blàr gu maith tràth air an latha, ’s lean e gus an do chuir an oidhche stad air. Tha na Ròmhanaich ag ràdh gur ann leò féin a chaidh, ’s gun do thuit deich mìle marbh mu’n do sguir iad. So an aon bhlàr mor, air am bheil iomradh, a bh’ eatorra. Ach cha d’ rinn sud an gnothach ni b’ fhusadh do na Ròmhanaich na bha e roimhe. ’S ann tha e coslach a dhùisg sud suas spiorad luchd nam beann gus an tòrachd a thoirt a mach air son na chaill iad. Co dhiù b’ éigin do Agricola an t-sreath dhaingnichean ud ris an do ghabh e uiread de shaothair fhàgail as a dhéigh goirid an déigh sud, ’s a dhol air ais a deas ceud mìle a dh’ionnsuidh an àite ’s an robh e roimhe sud. ’N uair a theich e deas chuir e ’luingeas timchioll Alba gu beachd a ghabhail air meudachd an eilein, ’s air nadur an oirthir. Ghairm an t-Impire dhachaidh e an ath bhliadhna, ’s bhàsaich e ’s an Eadailt’ ochd bliadhn’ an déigh sin. Thug na Ròmhanaich Caledònaich mar ainm air luchd-àiteachaidh Bhreatuinn a tuath. ’S ann fo’n ainm sin a tha ’n luchd-eachdraidh Ròmhanach a ghnàth a’ labhairt umpa. ’S i barail sgoileirean Gàelach gur Coilltìch is ciall do’n fhocal ’s gur h-ann o luchd-àiteachaidh Bhreatuinn a deas a fhuair iad e; ’s o nach b’ urrainn iad a ràdh mar bha e ’s a’ Ghàelic, gu’n do Laidinich iad e gun eadar-theangachadh idir. Thug iad Caledònia mar ainm air an dùthaich aca—’s e sin dùthaich nan Coillteach. Bha fios o chogadh aig na Caledònaich tuilleadh ri linn Dhomitian agus Adrian a lean e air an rìgh-chathair. Ach an uair a thàinig Antònius Pius gu bhi ’na Impire, 138 A. D., chuir e uachdaran d’ am b’ ainm Lollius Urbicus os ceann Bhreatuinn. Goirid an déigh do’n t-Seanalair so gnothuichean a chur air dòigh ’an ceann a deas an eilein, chuir e ’aghaidh gu tuath, agus thòisich e air togail ball’ àrd eadar ceann na Friù ’us taobh amhainn Chluaidh, far an robh na daingnichean a thog Agricola. Bha cumhachd na Ròimh’ aig a h-àirde ’am Breatunn Air a leantuinn an taobh 142. [TD 140] [Vol. 5. No. 19. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI. NOBHEMBER 14, 1896. Am Mod Gaidhealach. Bha Mòd bliadhnail a Chomuinn Ghàidhealaich air a chumail ann am baile Pheirt, air Di-haoine an treas latha fichead de dh’ October. B’e so an còigeamh mod a bh’ aig a chomunn ach b’e a cheud uair a bha e ’m Peart. Chaidh an latha seachad gu h-eireachdail. Bha moran ann nach robh aig Mo d riamh roimhe, agus bha iongantas orra fhaicinn cho ciatach ’sa bha gach ni a’ dol air adhart. Bhatar bho dheich uairean ’sa mhaduinn gu sia uairean feasgar ag éisdeachd ri leughadh, labhairt, agus seinn; cha robh facal air a labhairt ann ach Gàilig, agus bha sluagh mor ag èisdeach le dian aire bho thoiseach gu deireadh. A rithist air an oidhche, bha co-sheirm Ghàilig aca, a mhair tri uairean, agus mu shia ceud deug sluaigh ag éisdeachd le mor thlachd. Bha an t-seinn briagha, agus a nochdadh gu soilleir do na h-uile gu bheil maise agus cumhachd ann an ceòl ’s am bàrdachd nan Gàidheal nach robh moran an dùil. Cha’n eil rùm againn ann an so air ainmean na feadhnach a choisinn duaisean, mo òrdugh na co-sheirme a chur sios, ach theagamh gu’n teid againn air sin a dheanamh fhathast. Tha am Mod bliadhnail so a’ dusgadh suas spiorad nam fior Ghaidheal, agus cha’n urrainn nach dean e feum mor do ’n Ghàilig. Tha sinn an dòchas gu lean an Comunn Gàidhealach roimhe, agus gu’m bi soirbheachadh leis. Bidh an ath Mhòd air a chumail ann an Inbhirnis, ceann-bhaile sa Gaidhealtachd, agus cha’n eil teagamh nach bi coinneamh mhor ac’ ann an sin, ged nach eil aig Inbhirnis ach droch cliu a thaobh cumail suas na cainnt dhùthchasaich. Bu mhath le MAC-TALLA tòiseachadh air a bhliadhn’ ùir, nach eil a nise glé fhad air falbh, soar o fhiachan. Ma ni a luchd-leughaidh. Deanadh gach duine dhichioll ma ta, agus bi’dh soirbheachadh air MAC-TALLA. Raonull Mac Iain ’Ic Eobhain. Chunnaic mi anns a’ MHAC-TALLA, o chionn fada, a bhi farraid a mach c’àite an robh an duine so air a thiodhlacadh. Tha Raonull còir ’na laidhe maille ri athraichean ann an clachan Aoineaird, ann am Minginish, ’san Eilean Sgiathanach. ’Nuair a leubh mi anns a MHAC-TALLA bi farraid mu dheibhinn, cha robh mi gle chinnteach c’aite ’n robh e ’n tiodhlacadh, ach air dhomh sgriob a thoirt do dhùthaich nam beann fhuair mi fios cinnteach air an dearbh bhad anns ’n do chuireadh e. Tha moran de bhàrdachd Raonuill air fobhais fhathast, ’s b’ i sin an deagh bhàrdachd, ach theid i air chall le cion ’s nach eil i sgriobhte. Tha moran de chàirdean san Eilean Sgiathanach, ach cha’n fhios domh gu bheil aon ann air a leasraidh féin, ach thainig mac dha do Chanada a bha na fhear-sùl do Dhomhnull a’ Chlaiginn, no Gladfield mar a theirte ris. Tha oghaichean bràthair do Raonull ann an sgir Dhiùrainis. Neach sam bith a bhiodh toileach fios na bu phongaile fhaotainn uime, cha ’n eil aige ach sgriobhadh gu Miss Mac Pherson, Fasach Glendale, Skye, Scotland. Is mise ur caraid, AONGHAS MAC AOIDH. Providence, R. I., 16, 11, ’96. Tha moran aig na paipearan ri radh air an fhoghar so a thaobh nan roidean—theagamh gur ann a chionn an t-side bhi cho fliuch ’s gu bheil iad aniomadh àite ann an droch shuidheachadh. Thatar a deanamh a chuid a’s mo dhe’n bhruidhinn anns na Stàitean agus ann an Ontario, ach thatar a deanamh beagan iomraidh air anns na mor-roinnean iseal cuideachd. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil na droch roidean a cur call mor air muinntir gach duthcha anns am bheil iad. Tha carbadan air am bristeadh, agus eich air am fagail crùbach orra, agus iomadh call eile air a dheanamh leotha. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil cùmhnadh mor airgeid ann an ròidean matha, a bharrachd air an toileachadh a th’ annta, agus tha sinn an dòchas nach deanar stad aig bruidhinn aig an àm so, ach gu’n teid, cha’n e mhàin na Staitean agus Ontario, ach na mor-roinnean iseal mar a ceudna, a dh’ obair. Tha gnothuichean air a dhol gu math am feobhas anns na Stàitean o’n chaidh McKinley a thaghadh mar cheann-suidhe. Tha àireamh mhor de dh’ fhactoridhean a bha ’nan tàmh o chionn dha no tri bhliadhnaichean air a dhol a dh’ obair, agus tha malairt a’ fàs na’s fhearr. Romh ’n taghadh bha ’n diol aig an luchd-riaghlaidh ri dheanamh òr gu leòr a chumail anns an ionmhas. Ach an diugh tha barrachd oir aca ’sa tha iad ag iarraidh, agus ’se ar barail nach bu chòir dhaibh a bhi gearain. ’S aithne dhuinn gu leòr nach gearaineadh am feasda air tuilleadh ’sa chòir a bhi aca. Far nach ’eil lagh cha’n ’eil saorsa. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 141] [Vol. 5. No. 19. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha dithis dhaoine ùra air an cur dh’ an t-Seanadh Di-haoine s’a chaidh, an t-Onarach Daibhidh Mills, agus Deòrsa A. Cox. Thuit beagan lòineagan sneachda an so oidhche Chiaduin, a cheud shneachda a thainig air a gheamhradh. Ach ma bhios sinn beò, cha’n fhada bhios annas sam bith againn dheth. Tha na soisgeulaichean, Hunter agus Crossley, anns a’ bhaile an dràsda a’ cumail choinneamhan. Thòisich iad oidhche Chiaduin, agus tha dùil ri iad a dh’ fhuireach da sheachdain, no dh’ fhaoidte na’s fhaide na sin. Tha iad a cumail nan coinneamhan ann an Eaglais St. Andrew’s. Tha an sluagh ann an cearnan de dh’ Eirinn ann an suidheachadh truagh air a gheamhradh so. Chaidh am bàrr a thur mhilleadh ann an iomadh aite leis an uisge, agus mar sin tha moran dhe’n tuath nach eil comasach air am màl a phàigheadh, agus cuid dhiubh aig nach eil de bhiadh na bheir leitheach troimh ’n gheamhradh iad. Chaidh tigh ’na theine ann am Montreal o chionn beagan us seachdain air ais, agus chaidh triùir chloinne a losgadh gu bàs ann, aon diubh ochd bliadhna, aon da bhliadhn’ deug, agus aon eile ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois. Fhuair pàrantan na cloinne as air eigin. Thatar a deanamh a mach gu’m b’e duine chuir teine ris an tigh. Tha moran sneachda air tuiteam cheana ann an Stait Dakota Deas. Air an t-seachdain s’a chaidh, bha eadar troigh us ceithir òrlich dheuga air an talamh, agus bha call mor air a dheanamh leis. Bha moran arbhair a muigh fodha gun bhualadh, agas tha moran cruidh air bàsachadh leis an fhuachd. Cha robh geamhradh cho tràth aca ’san stàit sin o chionn shia bliadhn’ deug. So an t-àm dhe’n bhliadhna anns an còir do gach neach a tha ’gabhail MHIC-TALLA am pàigheadh a chur air adhart, ’se sin mur do phàigh iad cheana. Tha soirbheachadh a h-uile paipear an crochadh riuthasan a tha ga ghabhail; ma ni iad uile an dleasanas d’ a thaobh theid gu math leis, ach mur dean cha teid leis ach gu h-olc. Thugadh gach aon a leughas so an aire gu bheil gach ni reidh eadar e-fhéin ’s MAC-TALLA. Ghabh fear Abner Hopper, a tha fuireach ann an Salisbury, N. B., dóigh air bean fhaotainn nach eilear a cleachdadh ro-thric anns na cearnan so dhe’n t-saoghal. Chuir e sanas ann am fear de na paipearan-naigheachd ag innse gu robh bean a dhith air, agus a reir coltais fhuair e té, oir phòs e air an t-seachdain s’a chaidh te d’ am b’ ainm Mairi Decker. Bha iad air am pòsadh anns an eaglais, agus coithional mor sluaigh a lathair. Rinn na h-uisgeachan troma bh’ ann air an fhoghar so call mor air a’ bhuntata ann am Eilean a Phrionnsa. Dh’ fhàs an talamh cho bog ann an iomadh àite ’s nach gabhadh each toirt air an talamh dhearg idir, air chor ’s gu bheil moran dhe ’n bhuntata gun bhuain idir. Eadhon far an deach a bhuain, tha chuid mhor dhe grod. Cha bhi mar sin buntata ’n Eilean cho pailt ’sa b’ àbhaist da bhi bliadhnaichean roimhe so. Tha gluasad air feadh sluagh na siorrachd so an dràsda an aghaidh cuideachd a’ ghuail a bhi ’cumail stòraichean, agus a pàigheadh nan daoine le bathar an àit airgeid, mar sin a’ cumail an airgeid o bhi dol air feadh na dùthcha mar bu choir dha bhi ’s mar bu mho dheanadh e dh’ fheum. Bha coinneamhan aca ann am Port Morien, am Mira, ’s an áitrachan eile air feadh na siorrachd. Cha ’n eil teagamh nach bi tagradh air a chur air beulaobh na parlamaid a thaobh a ghnothuich ’nuair a shuidheadh ’san earrach. Bhrist cuideachd cheannaichean ann am Montreal air an t-samhradh s’a chaidh, agus an deigh gach ni a chur air dòigh tha iad a pàigheadh sent mu choinneamh gach dolair a bha dh’ fhiachan orra. Tha sinn toilichte innse gu’n do chuir àireamh mhath a dh’ iarraidh an leabhair, “Na Baird Ghàidhealach,” air an t-seachdain so. Cha’n eil teagamh againn nach faighear reic mhath dha. Cuirear an leabhar leis a phosta gu àite sam bith, air son 35c. no a tri air son dolair. Chaidh gill’ òg a mhuinntir Bhaoghasdail, Iain Mac-Neacail, a thoirt gu cùirt Di-satharna s’a chaidh air son irt-rathaid a ghoid. Chaidh a chùis a dhearbhadh air, agus fhuair e da bhliadhna ’n tigh-obrach. Bha bràthair dha air a chur an sàs còmhla ris, ach cha robh dearbhadh sam bith ’na aghaidh-san agus fhuair e m’a sgaoil. Thatar ag radh gu’n deachaidh nathair a mharbhadh faisg air Gabarus o chionn ghoirid air an robh da cheann, aon cheann far ’m bu chòir dha bhi, agus aon far ’m bu choir an t-earball a bhi. Tha daoine creideasach a chunnaic an nathair an deigh a marbhadh ag radh gu bheil so fior gu leòr. Tha paipear-naigheachd ùr gu bhi mach an uine ghoirid ann an Glace Bay. ’Se ’s ainm dha an Colliery News, agus tha e ri bhi air a char a mach le Mr. S. P. Challoner, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean an co-cheangal ri paipearan ’sa bhaile so; cha ’n eil teagamh againn nach soirbhich leis gu math. Tha ’san ainm gu bheilear an deigh òr fhaotainn faisg air Cheticamp, an siorrachd Inbhernis. Ma tha sin fior ’s gu bheil am pailteas ann dheth, bidh e na ni a ni feum mor dh’an chearn sin dhe’n eilein. ’Sann am measg gainmhich a tha e air fhaotainn mar nach d’ fhuaireadh òr ann an Nobha Scotia riamh roimhe. Tha àireamh mhor de Fhrangaich Chanada air a dhol air imrich do na Stàitean o chionn roinn a bhlìadhnaichean, agus tha iad a’ deanamh an dachaidh ann. Faodar sin a chreidsinn nuair a dh’ innsear gu robh còignear dhiubh air an cur do phàrlamaid New Hampshire aig an taghadh a bh’ ann a sheachdain gus an Di-mairt s’a chaidh. ’Nuair a bha ’n soitheach-smùide Tiber a fàgail St. John’s, Newfoundland a sheachdain gus an raoir, aig beul na h-acarsaid bhuail i soitehach-seòlaidh a bha dol a stigh, ’ga gearradh ’na da leth ’s ’ga cur fodha. Bha tri air fhichead air bòrd an t-soithich a chaidh a bhristeadh, eadar sgioba ’s luchd-turuis, agus chaidh tri duine deug a bhàthadh, naodhnar fhirionnach agus ceathrar bhoirionnach. Bhatar an toiseach a cur coire air sgiobair an Tiber, ach a reir a sgeòil-san cha robh coire sam bith aige ris near a thachair. Tha e gle choltach nach bi sneachda trom againn air a’ gheamhradh s’a tighinn. Tha luchd-an-eólais ag radh a bhliadhna shileas moran uisge nach sil ach beagan sneachda, agus ma bhios aon àm dhe’n bhliadhna fliuch gu’m bi àm eile tioram. Ma tha so fior, agus tha sinn a creidsinn gu bheil, bheir e toileachadh do mhuinntir Cheap Breatunn a smaoineachadh ma bha foghar fliuch aca, nach eil geamhradh ro-chruaidh ri bhi aca. Chaidh fear Iain Tobin a mharbhadh air an rathad iaruinn ann a Halifax a sheachdain gus an diugh. Fhuaireadh e air an rathad mu leth-uair an deigh ochd, agus a chorp air a ghearradh ’s air a shracadh air dòigh uamhasach. Bha ’n ceann ’s na lamhan ’s na casan air an gearradh dheth agus air an toirt as a cheile nam piosan. Bhuineadh an duine bochd do Windsor, agus bha e da fhichead bliadhna ’sa sia a dh’ aois. Cha d’ rinn e ach tigh’nn do’n bhaile am feasgar sin fhéin. Bha e coiseachd air an rathad ’nuair a thainig trein air gun fhios da ’ga mharbhadh ir ball. An deigh sin chaidh da threin eile thairis air. ’Se so sgiorradh cho cianail ’sa thachair an [?] bh le o chionn fhada. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 142] [Vol. 5. No. 19. p. 6] Tighinn na Romhanach. Air a leantuinn o thaobh 139. mu’n àm so. ’S i barail luchd-eachdraidh gur h-ann fo chomannda Lolliuis Urbicuis a thàinig an t-arm Ròmhanach an toiseach gu tuath co fada ri ceann a ’sear Loch Neis. Cha ’n ’eil a bheag sgriobhta mu thimchioll an turuis sin, ach tha làthraichean nan raidean mòr a rinn iad troimh ’n dùthaich gus an àit’ ud ri’m faicinn fathast. Co dhiu, cha tug iad fo chìs riamh aon de na treubhan a bha tuath air ball’ Antoniuis. ’S a’ bhliadhna 170 dh’ fhàg iad na bha tuath air a’ bhall’ ud aig na Caledònaich féin. Ach ’an àit’ iadsan a bhi riaraichte le sin thòisich iad a’ cur dragh mòr air na Ròmhanaich a deas air a chrìch ud. ’An déigh caochladh ionnsuidhean fuilteach anns an d’ rinn iad mòran creachaidh air an dùthaich a deas, thainig an t-Impire Ròmhanach, Seuerus, ’s a’ bhliadhna 209. Ghabh e roimhe tre ’n dùthaich air los na Caledònaich uile thoirt fo chìs, gus an d’ ràinig e ’n Caol Muireach, mar is coslaich’ air na ròidibh a bha deanta roimhe sud, gun duine beò ga choinneachadh, air son stad a chur air a thurus. Bha na Caledònaich ga chuairteachadh fad an rathaid, roimhe ’s as a dhéigh, ach iad a’ ruith tre ’n choille gun bhi idir air am faicinn, a’ gearradh as na h-uile neach a leigeadh an deireadh air, no rachadh a mach as an t-sreith! ’Nuair a ràinig Seuerus ceann a thuruis bha 50,000 dheth ’chuid saighdearan air bàsachadh. Phill e air ais an deigh a thoirt air cuid de na treubhan tuathach gealltuinn gu’n cumadh iad an t-sith. Ach cha d’fhairich ’siad iad fein fo cheanglaichean sud a dheanamh. Lean iad air a’ chogadh ’s air a’ chreachadh mar bha iad, ’s na saighdearan Ròmhanach a’ feuchainn ri ’n cumail dhiubh mar a b’ urrainn iad. Ach bha nis an t-àm a’ dlùthachadh ’s am feumadh na Ròmhanaich na bh’ aca de shaighdearan air son iad féin a dhionadh aig a’ bhaile. Bha na Gearmailtich ’s fineachan tuathach eile na Roinn-Eòrpa a’ briseadh a steach ’s a’ gabhail sealbh air a’ chuid a b’fhearr de ’na mòr-roinnean. Bha an impireachd air fàs co mòr ’s gu’n robh i ’dol as a chéile le ’cudthrom féin. Ghairmeadh air falbh á Breatunn an aon mu dheireadh de na legiona Romhanach ’s a’ bhliadhna 446, an déigh dhoibh ceann a deas an eilein a chumail re 500 bliadhna, ’s dh’fhag iad na Breatunnaich gu iad féin a dhionadh mar a b’ fhearr a b’ urrainn iad.—Eachpraidh na h Alba. Tha paipear Albannach—an Scottish Chief—’ga chur a mach ann am baile Mhaxton, an Carolina Tuath. An deigh blàr Chùil-fhodair thainig àireamh mhor Ghaidheal air imrich dh’ an stàit sin, agus tha an sliochd lionmhor ann an siorrachdan Chumberland, Robeson, Richmond, agus Bhladen. Am measg an fheadhain a’s inbheiche dhiubh tha an Breitheamh Cleireach, aon de Ard-bhreitheamhna na stàite. Na Meinnean. Is fuathasach an t-atharachadh a thainìg ann am meinean siorramachd Cheap Breatuinn o chionn beagan bhliadhnaichean. Chaidh mi ’an latha roimhe a Baddeck air mo thuras gu aite caraide dhomh aig té dhe na meinean. Tha mach air ochd bliadhna bho nach deach mi air an astar cheudna gus an so. Uime sin, ged bha mi cluinntinn araon anns na paipearan agus bho mo chairdean mar bha na cearnan so dhe ’n duthaich a’ tighinn air an adhart, cha do làn thuig mi gu robh an t-eadar-dhealachadh cho mòr. Dhearbh so aon rud domh gu soilleir;—nach urrainn sinn aite ’s am bith a’ làn-thuigsinn le bhi leughadh m’ a dheibhinn, gun ’fhaicinn. Coma cò dhiù, thainig mi air a bhata bho Bhaddeck a dh’ ionnsuidh na Narrows. Chaidh ni gun dàil gu Iona far an robh seanachas goirid agam ri beagan chairdean, ’n am measg an t-urramach uasal, agus b’ e sin esan, Maighstir Iain Mac Neill, sagart na sgireachd. Ach cha b’ urrainn mi dheanamh a mach air doigh ’s am bith c’ arson a thug iad Iona air an aite so, mur a h-e na th’ ann de chloinn Neill ’an tiodhlacadh. Ma dh’ fhaoidte nach ’eil mise ’làn thuigsinn coltais seann Iona, no I Chaluinn Chille, ged leugh mi m’ a deibhinn, ach, cho fad ’s ’a aithne dhomh, cha ’n ’eil coltas idir aig an da Iona ri cheile. Ach mur h-eile ma thogair. Ghabh mi an rathad-iaruinn bho Iona gu Bridgeport. Tha gu math a mach air leth-chiad mile eadar an da aite, ach gun teagamh cha ’n ’eil ann ach fala-dha dol thairis air an astar so air an rathad iaruinn. Cha b’ ionann ’s a trioblaid a bh ’agam a chiad chuid de ’n latha, a’ tighinn bho ’n allt dhorcha,—far am bheil an seann bhochdan a’ gabhail nan sgialachdan,—gu Baddeck, mu dha fhichead mile. Bha mi ’s an astar sin á deigh an da eich cho math ’s a th’ ann an Siorramachd Inbhirnis, ach, air a shon sin, their mi le cinnt, cha b’ ann gun ghnothach bu choir do dhuine geal dol air an t-slighe m’ an àm so dhe ’n bhliadhna. C’arson mata, ’an ainm an fhortain, nach ’eileas a’ cur rathad-iaruinn tromh Shiorramachd Inbhernis? ’S ann a tha ’n duthaich sin a’ toirt gu ’m chumhne duine fior bhreagh de chloinn ’Ic Rath a ’bhrist a chas cho dona ’s gu ’m b’ eudar do na dotairean a’ toirt deth uile. Bha duine ’s a choimhearsnachd aige a bha buileach neo-bhreagh. Thuirt MacRath nis aon latha, “tha thusa sona, oir cha ruig tha leas taing a thoirt do Dhia gu bràch,—gu dearbh cha mhòr a rinn e ruit.” “Cha chreid mi ma rinn e gu math ruitsa,” thuirt an fear eil, “nach do ghabh e ’n t-aithreachas air a shon an rithist.” Cha ’n ’eil Siorramachd Inbhernis buileach mar sin. Rinn Dia fuathas air a son agus cha ’n ’eil an t-aithreachas air na ’s mò, ach gu firinneach cha mhòr a rinn duine air son na Siorramachd bhreagh sin,—agus tha sin nàr. Eadar Bridgeport agus an Reserve chunnaic mi aon rud air pairt de na tighean nach fhaca mi riabh roimhe, agus nach do thuig mi. B’ e sin seòrs’ ùr uinneagan. Bha iad air cuid de na tighean, ach gun te agamh cha robh iad air na tighean uile. Bha iad air an gearradh ann am meadhon an doruis a bha ris an t-sraid, agus iad mu dha oirleach gu leth a dh’ fhad agus pailt oirleach ’n liad. “An iad saighdearan a tha fanailt ’s na tighean ud?” thuirt mi ris an fhear a bha comhla ruim. “Cha ’n iad, ach gealtairean,” ars’ esan. “’S iad ach a tha deanamh a’ mhi-fhortain ’an so. ’S iad sid tha reic na deoch laidir. Tha de dh’ eagal aca roimh ’n luchd-dreuchd agus oifigich an lagha ’s gu ’m b’ fheudar daibh na h-uinneagan beag’ ud a’ dheanamh mar sheorsa de fhreiceadan.” Tha ’n dorus daonnan glaiste agus cha ’n fhaigh duine ’stigh gus am faicear cò th’ ann. Nach truagh an gnothach nach rachadh an lagh a’ chur ’an gniomh da rireadh air beistean a tha deanamh an leithid de chall ’s an aite. Fhuair mi beagan eolais air na daoine aig an Reserve anns an uine bhig a bha mi ’n am measg. ’S e call mòr a th’ ann gu ’m biodh am buaireadh so ’g a chumail do gnath fa chomhair sluaigh cho math riu. Ach a dh’ aindeoin gach grabaidh tha e soilleir gu ’m bheil an Reserve a’ tighinn air adhart ann an doigh no dha, gu h-araid bho chionn bliadhna. ’S i mo bharail fhein le firinn gu ’m bheil creideas mòr ri thoirt do dh’ aon duine uasal air na thaghail mi air mo thuras do na meinean, agus ’s e sin an t-urramach Maighstir Ruairidh Mac Aonais, sagart na sgireachd. Gun bheum a’ thoirt do dhuin’ eile, no gu h-araid do phears’-eaglais, feumar aideachadh gu ’n d’ rinn Mr. Ruairidh, an t-urramach tapaidh agus an sar dhuin’-uasal, atharachadh mòr aig an Reserve bho ’n chunnaic an fior urramach beannaichte, an t-easbuig, iomchuidh a chur ann. Cha robh aig an Reserve an uair sin, bho chionn beagan ’s bliadhna, ach eaglais bheag agus gun tigh-sagairt idir. Tha ’n diugh eaglais mhath ann air a cur air doigh am migh ’s a stigh, agus tigh-sagairt nach ’eil le cinnt a leighte air an eilein so, le gle bheag fhiachan fhathast ri phaigheadh; agus tha gach aon toilichte. Cha ’n ’eil, tha mi creidsinn, gach ni aig an Reserve cho coimhlionta ’s u mhath leis an urramach an sagart Mac Aonais, ach cha ’n ’eil teagamh aig duine ’s am bith anns am bheil tonaisg nach ann na ’s fhearr ’s na ’s fhearr a bhios gach ni ’dol anns an teaghlach ghasda th’ aig an Reserve eadar an sagart agus an sluagh. Bha duil agam brath ’thoirt duibh air mo thuras do Ghlace Bay, do Bhridgeport, agus gu Camus na h-airde ’n ear; ach a chionn gu ’m bheil an litir so a nis a air fàs rudeiginn fada cha chan mi ’n corr air an t-seachduinn so. Slàn leibh. Is mi, ’an nise ’s ’an rithist, ur caraid, AONAS AN DOMHNULLAICH, Baddeck, an 11 la dhe ’n gheamhradh, ’96. [TD 143] [Vol. 5. No. 19. p. 7] Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Gheibh thu e uaithe so gu deireadh na h-ath bhliadhna air son dolair. Tha comunn Gailig Lunnainn gle fhaisg air sia fichead bliadhna dh’ aois. Rinn an comunn so obair mhor as leth cainnt nan Gàidheal. Tha tri fichead us da chinneach dheug ag àiteachadh na talmhainn, agus iad a’ labhairt tri mile agus ceithir cànainean. Tha mu mhile seòrsa creud no aidmheil aca. Tha aon oighreachd aig Sàr Ruisia dha fhéin anns a bheil ceud muillein acaire, a thri uiread ’sa tha ann an Sasuinn; agus tha oighreachd eil’ aige a tha corr ’sa dha uiread ri Alba. Cha’n eil duine beò ann an Tigh nam Morairean, am Breatunn, an diugh, a bha ann ’nuair a thainig ban-righ Victoria dh’ ionnsuidh a chrùin. An duine ’s fhaide th’ ann cha ’n eil e ann ach leth-cheud bliadhna sa sia. Tha cuideachd ann an Dun-Eideann (Patrick, Geddes & Co.,) an deigh leabhar de Bhàrdachd Cheilteach a chur a mach. Tha dàin agus òrain Welshach, Bhreathannach, Eirionnach agus Ghàidhealach ann. Tha an leabhar a’ cosg da dholair us cairteal. Bha duine bha g iarraidh dh’ an phàrlamaid uair a’ labhairt aig coinneamh mhor a chaidh a ghairm air son cùisean na dùthcha bhi air an rannsachadh. “A chàirdean,” ars esan, “bha mis’ uair agus chaidh gabhail orm air son a bhi ’g innse na firinn.” “Ma ta, a’ bhalaich,” arsa seann duine bha ’san éisdeachd, “rinn sin do leigheas gu gasda; ’s mor a ghabhadh tu ’s an fhirinn innse ’n diugh.” Saolaidh neach nach b’ urrainn do charaid a bhiodhte posadh a bhi cho fad air ais ’s gu’n biodh esan air a phosadh rìs a mhaighdinn, no ise ris an fhleasgach. Ach a dh’ aindeoin cho doirbh ’sa tha e chreidsinn, tha fios cinnteach gu’n do thachair a leithid ann am Breatunn uair us uair o thoiseach na linne so. Anns an uine sin bha seachd posaidhean air an deanamh anns an d’ fhuair am fleasgach bean, agus am b’ fheudar do fhear-na-bainnse dhol dhachaidh mar a thainig e. Chuir duine ann an St. Petersburg, an Ruisia, a mach leabhar o chionn ghoirid nach do chòrd ri uachdaranachd na dùthcha, agus chaidh a thoirt gu cùirt air a shon. Thugadh a bhinn a mach gu feumadh e an leabhar itheadh. Chaidh a thoirt a mach gu àite follaiseach dhe’n bhaile, agus an sin chaidh toirt air an leabhar a chagnadh ’sa shlugadh, duilleag an deigh duilleig. Bha an leabhar ro-mhor airson itheadh aig aon am, agus thugadh air tri tràthan a dheanamh dheth, aon tràth ’san latha. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. [TD 144] [Vol. 5. No. 19. p. 8] Laoidh na Ban-Iudhaich. LE SIR WALTER SCOTT. I Tir a braighdeanais ’n uair a dh’fhàg Israel a ghràdhaich Dia, Bha ESAN mar rithe ’s gach trà, ’Ga stiuradh air gach làmh ’s ga dion. ’S an latha roimpe bha meall neòil, ’S be ’n t’ ioghnadh mòr siod de gach treubh; ’S an oidhch’ bha ’m fasach mar an t-òr Le boillsg’ an teine a dh’orduich E. II ’An sin bha laoidhean naoimh a Le tromp a’s tiomban ’seirm do chliù, A’s nigh’nan Shìoin ’togail fhonn D’an d’ thug gach sonn ’s gach sagart, flù. An nis gun ni mar so—mo chreach! Tha Israel ait seachran sleibh, Cha gh’ath ar n’ athraichean Do shlighs, As dh’fhag Thus’ iad ’n an slighe féin. III Ach mar ruinn fòs—ged ’s ann fo sgàil! ’Nuair ’thig oirn latha seilbh ’us maoin, Biodh smuaintean Ortsa dhuinn na dhion ’O theas ’as iargain air gach taobh. ’S air slighe Iudah O! ’nuair ’thig An oidhche dhorcha, tric bi dlù, Fad-fhulangach ’us mall chum feirg, ’Nad sholus dealrach dhuinn ’s na’ d’ stiùir. IV Ar clarsaichean, nan culaidh-thàir, Dh’fhag sinn aig sruth Bhàbeil thall; Chaidh gach altair oirn fo smàl, A’s fuaim ar gaire tha air chall. Ach fuil nan gobhar ’Dhia, ars Thus’ Cha toilich mi na mile spréidh “An cridh brist’, ’san spiorad bruit’ Si’n iobairt umh’l dan d thug mi spéis.” Cruachan-Beann. LE P. MAC-AN-T-SAOIR SEISD.— Cruachan-beann, Cruachan-beann, Cruachan-beann, ’s mor mo thlachd dhiot; Cruachan-beann thar gach meall, ’S a chuid allt ’ruith roi’ ghlacaibh. Cruachan beann ’s e cho mor, Tha e sonraicht’ r’a fhaicinn— Cha ’n ’eil a lethid ’s an Roinn-Eorp’, ’S geal a chota ’n am sneachda. Cruachan-beann, &c. Clann-an-t-Saoir d’am bu dual ’Bhi ’n ad chluanagan fasgach; An diugh cha ’n fhaic mi aon d’ an al ’Gabhail tamh ann ad thaice. Cruachan-beann, &c. ’S iomadh linn bho n’ fhuair iad coir Air a’ bheinn is boidhch’ r’a faicinn; ’S cho fhad’ ’s a ruitheas uillt gu cuan Bidh an dualchas ud aca. Cruachan-beann, &c. Fine ’s duineala, gun ghruaim, ’N am dol suas chun na batailt; ’S an Ceann-cinnidh air an ceann ’Toirt comandd’ do na gaisgich, Cruachan-beann, &c. An Leitir-beann chaidh m’ arach òg— Leitir bhoidheach nam badan; Gheibhte fiadh ann air an t-sliabh, ’S earbag ria’ch anns gach glac dheth, Cruachan-beann, &c. Aite ’s maisiche fo ’n ghrein Chaoidh cha leur dhomh r’a fhaicinn; ’S bho ’n a chuir iad thu fo fheidh, ’S goirt mo dheur ’gabhail beachd ort. Cruachan-beann, &c. Fichead mile tha mu ’n cuairt Anns a’ chruaich ud tha maiseach; Agus tri dhiubh air aird’— ’S iomadh bard a ghabh beachd ort. Cruachan-beann, &c. Soraidh ’nis le Cruachan-beann, ’S leis gach coire, ’s gleann tha ’n taic ris; ’S e mo dhurachd Clann-an-t-Saoir Bhi chomhnuidh ri dha ’s na thaice. Cruachan-beann, &c. An Ros. Dhearc mi uair air ros a’ fas Maiseach, ur, fo dhriuchd a’ Mhaigh— “’S dearbht’” thuirt mi “nach bean gu brath Dad do bhlath cho boidheach!” Chaidh mi seachad la ’n a dheigh,— Chaidh a phabadh leis a’ ghaoith Ceann ri leathad air, a’ caoidh, ’S beacha breun ’g a rospadh. Oigh a’s aingealaiche snuadh, Faic ’s an ros do choimeas truagh! ’S ceart co deas tha d’ iomadh buaidh, ’Thogail fuath ri gradh dhuit;— ’S mar an nathair anns an tom, Thoir ceum mearachd, ’s tha Cul-chainnt Deas gu d’ bhruthadh—’s Mi-run lom Togaidh fonn do naire. BARD LOCH-FINE. Biodh tlachd agad ann an obair, do bhrigh, mar ’eil féum agad air a thaobh lòin, gu’m féud féum a bhi agad air air son leigheis. Tha mòran de chomhfhurtachd na beatha a ta làthair a’ co-sheasamh ann an eolas, càirdeas, agus comunn a bhi againn maille riu-san a ta diadhaidh, glic, agus subhailteach. Smuainich mu’n labhair thu, agus smuainich cò iad ris am bheil thu a’ labhairt. Smuainich c’ar son a tha thu a’ labhairt agus smuainich ciod a tha thu a labhairt CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an Oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. STOR UR TAILLEARACHD. ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Mathadhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. Air an ath sheachdain tha brath sonruichte againn ri thoirt d’ ar luchd-leughaidh bho D. J. DOMHNULLACH. [TD 145] [Vol. 5. No. 20. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 21, 1896. No. 20 Cuairt do Eilean a’ Phrionnsa. LEIS AN FHEAR DHEASACHAIDH. An deigh dhomh bhi ’sa bhaile tri latha, chaidh mi mach as a’ bhaile gu Strathalba, far am bheil ar caraid “C. C.” a deanamh a dhachaidh. Chaidh mi air an rathad-iaruinn gu Wiltshire, agus á sin chuireadh dh’ ionnsuidh a mhansa mi le caraid air an d’ fhuair mi eolas aig an tigh o chionn bliadhn’ air ais. Ràinig mi an deigh dorcha na h-oidhche. ’S minic a chuala mi bhi bruidhinn air feadhainn a bhiodh ’nan daoine còire air falbh o’n tigh nach biodh idir mar sin aig an tigh. Ach cha’n ann dhiubh sin an t-Urramach Calum Caimbeul. Tha leughadairean MHIC TALLA uile eòlach air troimh a chuid litrichean, agus tha barail mhath ac’ air; cha bhiodh am barail na bu mhiosa, ach moran na b’ fhearr na’m biodh nan comas fhaicinn na dhachaidh fhéin mar a rinn mise. Tha am mansa air a shuidheachadh an taic tuim coille air taobh cnoic, “air cùl gaoithe ’s ri aodann gréine,” agus ’na thigh comhfhurtail seasgair. Tha sealladh briagha air an duthaich mu’n cuairt ri fhaicinn uaithe. ’Se Gàidheil a tha ann an sgireachd Strathalba cha mhor air fad, agus tha ’Ghàilig air a searmonachadh na h-uile maduinn Sàbaid. Tha da eaglais aig Mr. Caimbeul, té anns gach ceann dhe’n sgireachd. Tha e searmonachadh ann an eaglais Springton ’sa mhaduinn, agus an eaglais Bhraidalbainn feasgar, aon latha Sabaid, agus an ath latha ann an eaglais Bhraidalbainn ’sa mhaduinn agus an eaglais Springton feasgar, a Ghàilig daonan ’sa mhaduinn. agus a Bheurla feasgar. Tha mi ’smaoineachadh gu bheil so na dheagh riaghailt, agus gu’m biodh e gle fhreagarrach ann an cothionalan eile far am bheil an sluagh faisg air a chéile; ach ann an coithionalan ’sa bheil aig cuid de’n t-sluagh ri dhol sia, ochd, no deich mile dh’ an eaglais cha fhreagradh e cho math. Air Di-luain bha mi treis air chéilidh air Murachadh Mac Laomuinn, o’n cuala leughadairean MHIC-TALLA uair us uair; Sgiathanach còir aig a bheil daimh mhor ri dùthaich an fhraoich gu h-iomlan, agus ri eilean a cheò gu h-àraidh. Tha e anabarrach measail air bàrdachd, agus tuigear uaithe sin gu bheil spéis mhor aige do’n Ghàilig, oir duine sam bith anns a’ bheil gnè na bàrdachd cha’n urrainn da di-meas a dheanamh air a Ghàilig. Cha’n eil bàrd an àite sam bith aig a bheil a bheag no mhor a dh’ eòlas air cainnt nan Gàidheal nach eil measail oirre. Ach ged nach biodh Murachadh còir de ghnè bàrdail idir, bhiodh e measail air a Ghàilig, oir is Gàidheal gu ’chùl e. ’Sann na thigh a chuala mi air a sheinn a cheud uair, òran Nèill ’Ic Leòid air “Turus Dhomhnuill do Ghlascho,” agus ’s ioma gaire thug e orm. Leugh mi an t-òran uair us uair, ach cha’n eil òran faisg cho math nuair a thatar ’ga leughadh ’s a tha e ’nuair thatar ’ga sheinn. B’ fhior thoigh leam fuireach dha no tri lathaichean na b’ fhaide ann an Srathalba, agus eòlas a chur air cuid de na Gàidheil a tha fuireach ann, ach bha m’ ùine ro ghoirid air son sin a dheanamh, agus b’ fheudar dhomh falbh. An deigh beannachd fhàgail aig na càirdean uile, thug mi an rathad-iaruinn orm a rithist, agus chaidh mi cho fada ’n iar ri Summerside. Tha e so na chnapach math baile, ach cha d’ fhuair mi sealladh sam bith air; bha ’n oidhche agam ’ga ruigheachd, agus cha d[?]h’ fheith mi ris an latha. Thill mi an oidhche sin fhéin gu Braidalbainn, agus bha mi ann gu aon uair deug an la’r na mhàireach. Thug mi sgriob mu’n cuairt a dh’ fhaicinn cuid de chàirdean MHIC-TALLA, agus ged nach robh ’n ùine fada, chòrd a chuairt a thug ni rium gu math. ’Nuair a rainig mi tigh Dhonnachaidh Mhic Fhionnlaidh cha’n fhoghnadh leis ach each a chur ’sa charbad ’s a’ dhol air ais comhla rium a dh’ ionnsuidh a chala. Bha treis de sheanachas taitneach agam ris-san agus ri ’bhana-chompanach chòir, agus an sin dh’ fhalbh e leam, a fàgail beannachd agam beagan mhionaidean mu’n d’ thainig an t-each-iaruinn. An sin chuir mi m’ aghaidh air Baile-Shearlot. Cha’n urrainn domh radh ciod an t-astar a th’ eadar Braidalbainn ’s am baile mor, ach ge b’e dé ’n t-astar a th’ ann, cha’n eil an rathad-iaruinn ’ga dheanamh na’s giorra, ach moran na’s fhaide. Tha e cho cam ri caman. Cha’n eil an dùthaich troimh am bheil e ’dol idir beanntail; mar a chunnaic sinn roimhe cha’n eil beinn air an eilean air fad; ach a dh’ aindeoin sin tha an rathad-iaruinn na’s caime na tha e ann an Ceap Breatuinn. Tha e dol timchioll air iomadh cnoc troimh ’m faodte le beagan saothair clais a ghearradh, agus a seachnadh shloc a bhiodh furasda gu leòr an lionadh. Tha e ann an àiteachan a’ dol na luib air cumadh crudh eich; chuala mi cuid-eigin ag radh gu robh aon àit ann aig am faodadh tu tigh’n as a charbad agus treis a thoirt air buain shuidheagan fhad ’sa bhiodh an carbad a dol timchioll air sloc, agus leum air a rithist cha mhor aig a cheart àite ’s an d fhàg thu e. Ach cha do chreid mi sin idir; cha dean math do dhuine gach ni a chluinneas e a chreidsinn, eadhon ann an Eilean a Phrionnsa. Ach cha teid duine a dheanamh sgeul dhe’n t-seòrs’ ud mur bi an fhirinn beagan air a thaobh, agus faodar a thuigsinn mar sin gu bheil an rathad-iaruinn cam agus lùbach gu leòr. A reir ’s mar a chaidh innse dhòmhsa se so bu choireach an rathad a bhi mar a tha e; a chuideachd a bha ’ga dheanamh, bha suim àraidh aca as gach mile, mar bu chaime dheanadh iad e ’s ann a b fhaide bhiodh e, agus ’s ann bu truime an sporan-san. Mar sin cha robh cnoc no sloc a tachairt riutha nach robh iad a’ gabhail mar leisgeal air son a dhol a thaobh, agus air tàilleabh sin tha gach duine tha ’ga ghalbail an diugh a pàigheadh air son a bhi air a ghiulan naodh no deich a mhiltean far nach biodh an t-astar le ghabhail direach ach a sia no seachd—’se sin ri radh tha e pàigheadh barrachd nor ’s bu chòir dha. Ach ged a tha ’n rathad mar so, cha’n ann a’ milleadh an t-seallaidh a tha e idir, ach a toirt am barrachd cothrom do dhuin air amharc air. Agus tha seallaidhean bòidheach ri fhaicinn air gach taobh, ged a tha muinntir an Eilein ag radh, mar a bhithear ag radh ann an Ceap Breatuinn fhein, gur ann troimh ’n chuid a’s miosa dhe’n dùthaich a tha ’n rathad iaruinn a dol. Tha an dùthaich eadar Baile-Shearlot us Braidalbainn agus an iar air sin car cnocach, agus cha’n eil i cho briagha ris a’ chuid eile dhe’n eilean, ach tha pàirt dhi briagha gu leòr, gu h-àraidh far am bheil na fearainn air an obrachadh gu math, ’s gach ni air a chumail ann an deagh òrdugh. Bha aon àite gu sònruichte beagan mhiltean a mach as a bhaile far an robh na criochan eadar na fearainn air an comharrachadh le callaidean spruis an àite fhensichean; cha b’ urrainn domh ach a bhi ’g amharc air fhad ’sa bha e ’nam fhianuis. Thatar a meas gu bheil barrachd mor cruadhach ’ga chur a dheanamh pheann na thatar a cur a dheanamh chlaihheamhan agus gach uidheam eile a bhithear a gnàthachadh ann na cogadh. ’S e ’m peann a’s cumhachdaiche na ’n claidheamh. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no a tri air son dolair. [TD 146] [Vol. 5. No. 20. p. 2] TIGHINN AN T-SOISGEIL. Co luath ’s a thuig na Caledònaich, no Coilltich Alba, gu’n d’ fhalbh na Ròmhanaich, dh’ fhàs iad ni bu ro dhàine na bha iad roimhe gus an coimhearsnaich ’an ceann a deas an eilein a chreachadh ’s a’ cheannsachadh. ’S mar a bha iad sud co fada fo chìs aig na Ròmhanaich a bha deanamh obair na saighdearachd uile, bha iad an déigh cleachdaidhean cogaidh a leigeadh dhiubh, ’s cha b’ urrainn iad seasamh ri cumhachd ’us cruadal nan Tuathach. Agus o nach robh iad idir air son géilleadh dhoibh, ’s e rinn iad fios a chur air àireamh mòr shaighdearan as a Ghearmailt, da ’m b’ ainm Anglo-Sacsonaich, a bha ainmeil air son an treubhantais ’an cogadh. Thàinig na h-eilthirich ud a nall ’nam buidhnibh lìon-mhor, agus le còmhnadh na muinntir sin chaidh aig na Breatunnaich air na tuathaich a ruagadh air ais do na dideanaibh beanntachail féin. Ach cha b’ fhada gus an do ghabh iad aithreachas as an earbsa ’chuir iad ’s na coigrich ud. ’N uair a chunnaic na Sacsonaich gu’n robh ’n tir taitneach do’n t-sùil, ’us maith a chum bìdh, ’sann a dh’ fheumadh iad an cuid féin a dheanamh dhi. Thòisich an luchd dùthcha air brùchdadh a nall g’an cuideachadh, ’s an ùine nach robh fada chaidh ac’ air seann luchd-àiteachaidh na tìr’ a’ sguabadh a null do’n oisein ris an abrar Ueilse, agus Còrnbhal, far an deachaidh ac’ air iad féin a dhionadh ré ùin’ o ’naimhdibh, ’s an robh iad a’ gnàthachadh an seann chainnt fein agus an seann laghanana. Ach fadheòidh chaidh an ceannsachadh ’s an cur ri rioghachd Shasuinn. Co dhiù tha ’n sliochd ’s a’ chuid ud de’n tìr gus an la ’n diugh, a’ labhairt seann chainnt Bhreatuinn. ’N uair a ghabh na coigrich ud sealbh air a chuid bu mhò ’s a’ b’ fhearr de’n tìr rinn iad, còmhladh ris gach caochladh eile, atharrachadh ainm a thoirt oirre. ’N an cànain féin theirteadh Angeli-land, no Angli-land rithe, air a ghiorrachadh ’s air a chaochladh a nis gu England. Ach ’s e thug seann luchd-àiteachaidh na tìre, araon na Ueilsich, ’s na tuath Bhreatunnaich air na coigrich ud, Sasgonnaich, agus Sasgoinn ris an duthaich, ’se sin air a ghiorrachadh ’s air a mhìneachadh, Sasunnaich agus Sasunn, mar a their na Ueilsich, ’s na Gàeil, ’s na h-Eireannaich gus an la ’n diùgh. Fhad ’s a bha ceann a deas Bhreatuinn, no mar a theirear ris a nis, Sasunn, ’na mòr-roinn Ròmhanach, bha i ’mealtuinn na h-uile còir ’us sochair a bhuineadh do gach earrann eile de’n Impireachd mhòir, fharsuing sin. Bha cothrom ac’ a dhol gu sàbhailt o aon mhòr-roinn gu aon eile, ’s co tric ’s a thogradh iad do ’n Ròimh féin, àrdbhaile na h-Impireachd, ’s cha ’n ’eil teagamh nach robh so ’na mheadhon, ’am freasdal an Tighearn air an t-soisgeul a sgaoileadh feadh na Roinn-Eòrpa, ni bu luaithe na dheanadh e air sheòl eile. Lean an tighearnas Ròmhanach air cur an aghaidh an chreidimh Chriosduidh, ùine fhada ’a déigh nan Abstol; agus bha mar sin laghanna cruaidh air an deanamh ’an aghaidh nan Criosduidhean, gu h-àraidh na’m biodh iad a’ craobh-sgaoileadh a’ chreidimh. Ach mar bu trice bha iad saor o gheur-leanmhuinn, mur tigeadh neach air bith gu bhi ’na fhearcasaid, ni a thàinig gu bhi mi-mheasail a measg nam Pàganach féin. Bha mar so teachdairean an t-soisgeil a’ siubhal o dhùthaich gu dùthaich, leis an robh eòlas air a mheudachadh. Tha luchd-eachdraidh a’ faighinn lorg an t-soisgeil gu soilleir ’an Sasunn mu ’n bhliadhna A. D. 209. Bha eaglaisean ’an lìonmhoireachd feadh Shasuinn o sud a mach tuilleadh. Bha àrd-sheanadh, no comhairl’ eaglaiseach air a cumail ’am bail’ àraidh air tir-mòr na Roinn-Eòrpa ’s an ath linn, ’s bha teachdairean o na h-eaglaisibh Sasunnach a làthair aig an t-seanadh. Ach cha d’fhuair an soisgeul fonn ’an Alba gu follaiseach co buileach tràth is sin. Cha’n e mhàin gu’n robh an creideamh Druidheach ’na aghaidh ’an sin; ach bha ’n sluagh cumanta, ’s gu h-àraidh na cinn-fheadhna ’s na h-uile àit’ a tuath air a’ bhall’ a rinn na Ròmhanaich aig a’ chrich Shasunnaich, co an-amharusach mu ni sam bith a thigeadh o dheas, ’s nach éisdeadh iad ris, eagal gur lìon a bhiodh ann air son an ribeadh ’s an glacadh. B’ e òganach a mhuinntir ceann a tuath Shasuinn an ceud neach air a bheil dearbh-chinnt’ a shearmonaich an soisgeul gu follaiseach ’an Alba. Ninian a b’ ainm dha, mac aoin de chin-feadhna na dùthcha ud. Thachair dha bhi ’s an Ròimh; ’s co-dhiù ’s ann an sin no aig a’ bhaile ’fhuair e eòlas air an t-soisgeul, cha ’n urrainnear a ràdh. Fhuair Easbuig na Ròimh’ a mach gu’n robh eolas maith aig air an fhìrinn, ’s choisrig e air son na ministrealachd e, ’s chuir e nall e a shearmonachadh do na h-Albannaich. Thog an teachdaire so eaglais bheag ’am bail’ àraidh ann an Galabhaigh, ’am fior cheann a deas Alba. B’ i sin a’ cheud eaglais a thogadh air fonn Alba, Thàinig teachdair eile d’ am b’ ainm Paladius as an Ròimh do Eirinn, ’s à sin do Alba, mu ’n cuairt do ’n aon àm ri Naomh Ninian. Bha iad le chéil’ a’ searmonachadh air leth, ’an ceann a deas na rioghachd. Ach cha’n ’eil mòr iomradh air an tomhas de shoirbheachadh air an d’ ràinig iad. Bha so mu cheud gu leth bliadhna ’an déigh an deadh sgeul freumh a ghabhail ann an Sasunn. Cha ’n fheud teagamh a bhi nach robh an soisgeul ’an Alba ’s an Eirinn roimhe sud, ach gu h-uaigneach, air son an aobhair a dh’ainmicheadh. B’ e Constantin Mòr an ceud Impire Ròmhanach a thàinig gu bhi ’na Chriosduidh, agus a thug do na Criosduidhibh làn shaorsa ’bhi air an riaghladh a réir lagh’ Chriosd. Thàinig esan a dh’ ionnsuidh na righ-chaithreach ’s a’ bhliadhna 310. Bha sin còrr ’us 100 bliadhna mu ’n d’ fhàg na Ròmhanaich Sasunn gu h-iomlan. Agus mar a bha làn shaorsainn o’n taobh a mach aig an eaglais ré nan ceud bliadhn’ ud, tha aobhar a bhi ’creidsinn gu’n d’ rinn an eaglais leudachadh maith ’s an dùthaich. Ach an uair a thàinig na Sacsonaich, a bha ’n am Pàganaich, gu làmh an uachdar fhaotainn, cha robh àit’ idir aig a’ chreideamh ’s an tìr, ach ’an Còrnbhal ’s ann an Ueils, far an robh seann luchd-àiteachaidh na tìre air an ruagadh. Ach an dà àite sin a mhàin ’s e glé bheag de chraobh-sgaoileadh a rinn an soisgeul air feadh Alba no Shasuinn, gus mu ’n cuairt do 150 bliadhn’ an déigh Niniain ’us Phaladiuis an d’ thàinig soisgeulaiche cliùiteach eile gu taobh ’s iar Alba, d’ am b’ ainm Callum-Cillé, air an toir sinn iomradh ’an déigh so. Chaidh ainmeachadh cheana gu’n tug na sgriobhadairean Ròmhanach Caledònaich, no Coilltich, mar ainm air na seann Albannaich. Bha ’n t-ainm sin a’ gabhail càraidh gu h-àraidh ris a’ chuid diubh a bha chòmhnuidh ’am meadhon na dùthcha, ’s air an taobh an ear ’s an iar dheas dith. ’S iad sin is mo bha ’cur de dhragh air na coigrich ud. Cha robh iad a’ faicinn a’ bheag de luchd-àiteachaidh taobh siar na dùthcha ’s nan eilein. Ach mu’n d’ fhalbh na Ròmhanaich á Sasunn thug iad Pictich, ’n an cainntsan Picti, mar ainm air an treubh no na treubhaibh a bha chòmhnuidh an taobh an ear-dheas Alba. Bha na Picti fo riaghladh aoin cheannaird no Phrionnsa, ’s mar a bha na h-uiread de threubhan ann air dol an ceann a’ chéile, bha iad gu maith làidir gu iad féin a dhìonadh o na Ròmhanaich. Tha caochladh bheachdan a measg luchd-eachdraidh mu sheadh an ainme, Pictich. Ach ’s e’s coslaiche gu’m buin e do’n fhocal Laidinn a bhi ’dath; mar gu’m biodh e ’na chleachdadh aig na saighdearaibh tuathach so a bhi ’dath an aghaidhean ’an àm cogaidh le sùil ri iad féin a dheanamh ni b’ eagalaiche do’n naimhdibh, ni a bha ri ’fhaicinn a measg cuid eile de fhineachan leth chàllaicht’ an t-saoghail. Bha Pictich Thuathach ’us Dheasach ann; iad so mu dheireadh a chòmhnuidh ’s a’ chuid sin de Alba ’bha eadar an dà ghàradh ud a rinn na Ròmhanaich, ris an abrar machair na Galltachd. Ach ’s a’ bhliadhna 347 tháinig Ida, ceann-feadhna Sacsonach, air tìr mu Bheruic a tuath, ’s cheannsaich e na Pictich Dheasach. A’ chuid diubh nach do mharbh, ’s nach d’ fhuadaich e, mheasgaich iad le an luchd dùthcha. Agus ’an ùine nach robh fad’ an dèigh sin, thàinig na treubhan ud uile gu bhi air an riaghladh le prionnsa nam Picteach a tuath tre chòmhnadh luchd cuideachaidh o thaobh siar Alba ris an abrar Sgaothaich, a tha tòiseachadh air togail an cinn ’an eachdraidh Albannaich mu’n àm so. ’S gann a tha ceum sam bith eile ’an seann eachdraidh is tric’ anns a bheil na Seanachaidhean Galld’ ’us Sasunnach, aig a’ bheil beaganas air na Gàeil ’s air an cainnt a’ sleamhnachadh, na eachdraidh nan Sgaothach. Rinn an dara buidheann diubh féin co sleamhuinn do’n bhuidhinn eile an so ’s gu bheil iad a’ tuiteam ann muin aìr mhuin. Their aon Seanachaidh, thàinig na [TD 147] [Vol. 5. No. 20. p. 3] Sgaothaich as an Spàinn uair no uair-eigin cha’n ’eil fios cuin, ’s thàinig iad do Alba ’s a’ bhliadhna 500, ’s their am fear eil’ as a bheul-san—thàinig na Gàeil do ’n Ghàeltachd air a leithid sud de bhliadhna. Nis tha e fior gu’n robh buntanas aig seann luchd-àiteachaidh na Spàinne ’s na Frainge ris na seana Bhreatunnaich, mar tha ’n cainnt gus an là ’n diugh a’ dearbhadh. Ach le bhi coimeas nan eachdraidhean is sine r’a chéile, tha e co dhiù co coslach—a réir barail na muinntir is mò a rannsaich ni’s coslaiche, gur h-ann a chaidh na Sgaothaich a null do Eirinn á Alba gu maith tràth ’an eachdraidh uan rioghachdan so, ’s gu’n d’ rinn iad ri ùine rùm maith dhoibh féin ’an cearnaidh fharsuing de’n tìr sin, air sheòl ’s gu’n tàinig i fadheòidh gu bhi air a h-ainmeachadh orra féin. ’S e Sgaothaich am fior ainm Gàelach, a tha ’ciallachadh an nòis a bh’ aig an dream lionmhor ud, air a bhi dlùth leantuinn ris a’ cheann-feadhna mar ni sgaoth sheillean ris a’ mhàthair-àil. Ge b’ e sam bith àit’ an stad ise, stadaidh iadsan. Agus aon uair ’s gu’n stad iad idir, cha ’n ’eil e furasd an cur air falbh. Cha b’ urrainn luchd Laidinn do nach b’ aithne a’ Ghàelic, Sgaothaich a ràdh, ’s air son ich cha bhiodh gnothuch idir aca ris air deireadh focail. Nam fàgadh iad ao as ’s e Scuti a theireadh iàd; na’n tugadh iad a as ’s e Scoti a theireadh iad. A réir so tha ’n seann luchd eachdraidh Ròmhanach a’ gnàthachadh an dà fhocail air son an aon ainme. Ach fadheòidh thàinig iad, mar bu trice, gu bhi ’ga sgriobhadh Scoti, oir ’s e sin beagan a b’ fhuaimniche ’s a’ chainnt acasan. Mata, ma chreidear an luchd eachdraidh is faide a rannsaich, bha Scoti ’an Gaeltachd Alba féin o shean, co cinnteach ’s a bha ’n Eirinn. Bha treubh no dhà dhiubh ’an Siorrachd Rois, agus anns an Eilean Dubh. Bha dream eile dhiubh timchioll air bun amhainn Chluaidh, a bhiodh gu maith tric a’ cogadh còmhladh ris na Pictich ’an aghaidh nan Ròmhanach, ’s nan Deasach an déigh do na Ròmhanaich falbh. Tha e air a ràdh gu’n tàinig cuid diubh so, co dhiù, á Eirinn, agus gu’n d’ fhuadaicheadh a null a rìs ann iad. Ach ma rinneadh sin, thàinig iad air an ais ’an ùine ghoirid, no bha cuid diubh nach do chuireadh air falbh idir, a bhuineadh do sheann luchd àiteachaidh an àite sin, o’n bha Scoti ann a ghnàth a bha ’n co-bhoinn ris na Pictich ’an aghaidh nan Deasach. ’S a’ bhliadhna 503 A. D. thàinig dream de na Sgaothaich a nall á Eirinn ’n an trì buidhnibh beaga, fo thriùir cheann-feadhna. Ghabh fear dhiubh sin d’ am b’ ainm Fearghas, sealbh air Ceanntire le ’luchd-leanmhuinn. Ghabh fear eile d’ am b’ ainm Lathairna, sealbh air àit’ a b’ fhaid’ an ear na sud air an tug e Lathairn, mar a theirear ris gus an là ’n diugh. Ghabh an treas fear d’ am b’ ainm Aonghas, sealbh air eilean Ile. Cha do chuireadh mòran grabaidh air na coigrich ud ’n an ceud tighinn air tìr a thaobh iad a bi tearc ’an àireamh, ’s nach d’ éirich an-amharus sam bith ’an inntinn righ nam Picteach mu’n timchioll. Agus mar a bha taobh siar Alba ’s an àm ud air bheag sluaigh, ’s ann a shaoileadh na Pictich gur h-ann g’an cuideachadh a bhiodh iad sud an aghaidh nan naimhdean eile a bh’aca. Co dhiù, ’n uair a fhuair na Sgaothaich a thàinig á Eirinn fàrdach air a cur air dòigh do gach fear dhiubh féin, thòisich buidheann ’us buidheann bheag eil’ a tighinn a nall as an déidh, gus mu dheireadh an robh àireamh mhaith ann diubh. Agus mar bu triùir bhràithrean na cinn-fheadhna, ’s a bhiodh iad ’an comh-bhoinn ’an aghaidh naimhdean sam bith eile, ’s ann a b’ eagalach leis na Pictich aghaidh a chur orra, ’s mar is coslaiche cogadh ei’’ air an làimh aig an àm cheudna. ’S e bun a bh’ ann, chaidh Fearghas a chrùnadh ’na righ air a luchd leanmhuinn fein. Bha ’n dithis bhràithrean eile ’n an àrd-riaghalairibh thairis air an fhearann air an do ghabh iad sealbh, agus a réir coslais, ullamh gu Fearghas a chuideachadh n’an tigeadh ceann-feadhna no prionnsa sam bith eil’ a chur dragh air. Olaich thapaidh a bha’n sud, ro theòma gu dachaidh a dheanamh dhoibh féin an àite sam bith ’am faigheadh iad aon chas a steach. A Manitoba. FHIR-DHEASAICH UASAIL,—Air dhomh a bhi cluinntuin o bheul gu beul gu robh MAC-TALLA a tabhairt taobh duilleig do òran, no naigheachd Ghàilig o neach air bith a bha teachd le dolaìr a thagairt càirdeis air, air son a cheud uair chuir mi thugaibh ceathrannan air “Tir nam Beann” a dhealbh brogach do charaide dhomh féin aig a Bhliadhn’ Uir, a tha nise dlùth air da mhios dheug a dh’ aois, ’nuair a thainig e air cheilidh oirnn a reir cleachdadh nan Gàidheal. Ach feumaidh gur e fuachd na dùthcha so a chuir an tùchadh air Nial, agus nach do ghlaodh mi àrd gu leòr; oir cha do chuir am MAC-TALLA air ais an fhuaim, ged bha mise a feitheamh le cluais fhurachail, se sin ri radh, ma bha beul aithris dhaoine agus gealladh a MHIC-TALLA a reir a cheile. ’S fada bhobug o ’n bha mise air mo chrònan a sheirm a rithist mar bhitheadh gu bheil a reir aithris nan daoine glice “Sannt sheachdnar ann am fear gun mhac gun nighean,” agus gu robh mi cho cùramach mu na bonnacha-se, agus nach dùirigean a bhi aig a lethid do chosdas aig an tigeadh an ath am gu bhi cur snaim eile leis an dollar uile chumhachdach air cairdeas fear ham beannachd. Ma’s e ur toil e, bu mhaith leam fhios fhaotainn ciod an duais airson an tugadh sibh cùil anns a phaipeir urramach do’n oran so mu ’m bheil mi labhairt mar a deachaidh e air chall, agus ma chaidh a dhuine, theid an ceol air feadh na fìdhle agus theid mise agus MAC-TALLA troimh a chéile agus cha dean airgiod no òr an cairdeas a ghleidheadh tearuinte. Tha m’ inntinn trom a smaointeachadh air cor ’us aomadh sluaigh, An dragh a ni an di-chuimhn doibh, ’us mi sgoinn ioma uair, Tha ’n aignidhean cho caochlaideach ri gaoth air maoil nam bruach, ’S mac talla liath ged ’s urramach an cunnart anns an ruaìg. Nam choltach ri do sheanair thu cha bhiodh do theanga mall, ’S iomadh uair a fhreagaìr mi ’s na creagan fada thall, Cha d’iarr e duais na paigheadh oirnn, air Gaidheal no air Gall, ’S cha d’ ghearain riamh air sarachadh, air eiginn, cail, no call. Is mi do charaide dileas—mar do chaill thu ’n t-òran. NIAL SHAW. Bu chàraid ghaolach Seochd us Seònaid mu’n do phòs iad, ach an deigh dhaibh pòsadh, cha robh an t-sith maille riutha idir. Chaidh am ministear ’g an coimhead feuch ciod a bha ’g an cumail as an eaglais, agus air dha ’n dorus fhosgladh, fhuair e iad a trod. “Mo nàire, mo nàire!” ars’ esan, “carson nach gabhadh sibh leasan o’n chù ’s o’n chat? faicibh cho còrdte ’sa tha iad taobh ri taobh air clach-an-teinntein.” “Tha sin gle cheart,” arsa Seochd, “ach dean thusa ’n ceangal ri chéile, agus feuch de cho réidh ’sa bhitheas iad.” ’So an an dòigh a th’ aig na Dùitsich air na cisean a thogail bhar dhaoine nach eil deònach am pàigheadh. Cuiridh an Riaghladh saighdear no dha gu tigh an fhir nach do phàigh, agus tha aige ri ’m biathadh ’s an cumail gu math air an dòigh gus am bi a chis air a pàigheadh. Tha ’n Amhuinn Bhuidhe ann an Sina a’ dol fo’n ainm “Bron Shina.” Tha i cur thar a bruachan gu math tric, agus a bàthadh moran sluaigh. Thatar a meas nach lugha na aona muillein deug (11,000,000) beatha a thugadh air falbh leatha o thoiseach na linne so. Thatar ag radh gu bheil aon leabhar, agus aon a mhàin, ri fhaotainn a tha air a sgriobhadh anns a chainnt a labhair an Slànuighear ’nuair a bha e air an talamh. ’Se ’n leabhar sin Talmud no leabhar beul-aithris nan Iudhach, a bha air a sgriobhadh ann an Tiberias ’s an treas linn an deigh Chriosd. Cha b’i ’n Eabhra bhathas a cleachdadh am measg nan Iudhach ri linn an t-Slanuighear idir, ach an Aramaic, cainnt a tha càìrdeach do’n Eabhra, agus bha eadar-dhealachadh eadar mar a bhathas ’ga labhairt ann an Galili agus ann an Iudea, direach mar a gheibhear a Ghàilig agus canainean eile air an labhairt air caochladh dhòighean an diugh. B’i ’n Aramaic Ghalileach cainnt mhathrail an t-Shlanuighear, agus ’se so an aon leabhar a tha ri fhaotainn sgriobhte ’sa chainnt sin. Thuirt Eirionnach uair gu’n do dhùisg e aon mhaduinn ’se ’na shuain chadail. [TD 148] [Vol. 5. No. 20. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI. NOBHEMBER 21, 1896. Gheibhear anns an àireamh so da litir á Manitoba—cearna as nach cuala ’m MAC-TALLA fuaim riamh roimhe. Bidh sinn gle thoilichte cluinntinn uapa le cheile a rithist; ’s math leinn a bhi cluinntinn as gach cearna dhe’n t-saoghal mu chor nan Gaidheal. A thaobh gearan Neill Shaw nach do chlo-bhuail sinn an t-òran a chuir e ugainn, faodaidh sinn a radh gur h-e dearmad a thanaig oirnn bu choreach nach do chuireadh an clo e roimhe so, agus gu faicear e an ùine gun bhi fada. Ach ge b’e co dh’ innis do Niall gu’n clo-bhuaileamaid òran no rud sam bith a chuirte ugainn, tha e gu mor am mearachd. Cha do gheall MAC-TALLA a ’leithid sin riamh, agus bu ghòrach e nan gealladh, oir ’s iomadh òran us sgeul us litir a thig gu paipear nach biodh freagarrach an cur an clò. Na’m faiceadh Niall còir na tha de bhàrdachd ma seach againn, chuireadh e ioghnadh air; tha roinn mhor dhe’n bhàrdachd sin a dhiòlt sinn a mtigh ’s a mach, agus roinn mhor eile, coltach ri òran Neill a feitheamh gus am faighear àite dhaibh. Tha cuid de’r leughadairean a’ gearan gu bheil sinn a’ toirt dhaibh tuilleadh s’a choir de bhàrdachd mar a tha, ach na’n toireamaid dhaibh na tha tigh’n ugainn bhiodh iad air an uamhasachadh. Ach ’se ar dùrachd deanamh cho math ’s is urrainn duinn. Riaraichidh sinn a h-uile duine ma bhios sin ’nar comas, ach mur bi cha bhi cothrom air. Tha gnothuicheanns an an Tuirc mar a bha iad o chionn treis a dh’ ùine gun moran atharrachaidh sam bith. Bha an Sultan o chionn ghoirid a’ gealltainn moran, ach cha ruigear a leas moran creideis a thòirt dha; gheall e na h-uiread roimhe, agus bhrist e a ghealladh cho tric ’s nach eil moran dòchais aig daoine gu bheil roimhe deanamh dad na’s fhearr aig an àm so. Tha e gle choltach nach eil rioghachdan na Roinn-Eorpa a dol a chur dragh sam bith air; air chor ’s gu faod e ann an tomhas mor a thoil fhéin a dheanamh. Tha e ’cur dorran mor air muinntir nan Stàitean gu bheil féill moran na’s fhearr air càise Chanada ann an dùthchannan eile na tha ’n cuid càise fhéin. Beagan bhliadhnaichean air ais, cha robh Canada idir suas ris na Stàitean ann an deanamh càise, ach an diugh tha i fada air thoiseach orra. Cha’n e sin a mhàin, ach tha càise nan Stàitean an deigh ainm a chall cho mor ’s gu bheilear a’ cur moran dheth a nall do Chanada, agus as a sin ’ga chur air falbh do Bhreatuinn mar chaise a rinneadh an Canada fhéin. Se ’s coireach ri sin gu robh muinntir nan Stàitean gu tric a cur air falbh droch càise an ainm càise math, agus mar sin chaill e dheagh ainm, agus tha ’n càise coltach ri duine, ma chailleas e dheagh ainm aon uair, bheir e treis mhath ’ga chosnadh a rithist mu’m faigh e air ais e. Tha e coltach gu bheil a nise gach cùis air a réiteach eadar Breatuinn ’s na Stàitean a thaobh Venezuela. Tha iad air còrdadh a thaobh cuid de nithean, agus na nithean mu nach b’ urrainn daibh còrdadh tha iad ri bhi air an cur air beulaobh Ard-chùirt a tha iad fhéin a cur air chois, agus tha iad ag aontachadh gu’m bi iad leagte taobh air thaobh ris a bhreith a bheir a chùirt sin. Cha’n eil an ùine gle fhada o’n bha eagal air moran gu’m faodadh cogadh a bhi eadar Breatuinn ’s na Stàitean mu’n tigeadh a chùis gu crich, ach cha’n eil guth no iomradh air a leithid sin an diugh; tha ’n gnothuch ri bhi air a réiteach gu sitheil, agus ’s ann mar sin fhein bu chòir dha bhi. Tha sgeul á Cuba ag innse gu bheil an da arm—arm na Spàinne agus arm nan ceannairceach—air tachairt air a chéile ’s gu bheil iad a cur blàir. Cha b’ urrainnear innse co leis a bha e ’dol, ach bha làn dhùil gu’m b’e so aon de na blàir a chuireadh a chùis an darna taobh. Bha Weyler an seanalair Spàinneach gle leisg air a dhol an còmhail nan ceannairceach, ach air dha a chluinntinn gu robh iad an deigh baile a ghlacadh, thog e air. Ma chaidh am blàr so na aghaidh, bidh am barrachd dochais aig na ceannaircich ’sa bh’ aca riamh gu’n teid aca air an t-eilean a shaoradh. Thug Cleveland, ceann-suidhe nan Staitean, oilbheum do na h-Iudhaich an àm a bhi gairm Latha Taingealachd. Thug e iomradh air Criosd, ni nach d’ rinn fear a dhreuchd riamh roimhe. Tha Latha Taingealachd air a ghairm air son nan uile, agus tha na h-Iudhaich ag radh nach bu choir do Chleveland, air an sgàth-san, iomradh a thoirt air Neach anns nach robh iad a creidsinn. Bha tuiltean mora aca ann an Stàit Washington air an t-seachdain s’a chaidh ’s air an t-seachdain so. Bha ’n t-uisge ’sileadh cha mhor gun lasachadh fad dheich latha, agus bha na h-aimhnichean air at cho mor ’s nach robh comas aig na carbadan-iaruinn air falbh air an rathad. Bha moran thighean air an sguabadh bhar an làraichean. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 149] [Vol. 5. No. 20. p. 5] NAIDHEACHDAN. Is e Dior-daoin s’a tighinn an latha tha ri bhi air a chumail mar Latha Taingealachd, ann an Canada agus anns na Stàitean. Thatar a meas gu bheil de dh’ fhearann math ann an Canada, a tha cheana air a thoirt a stigh na chumadh beolaind mhath ri coig muilleinean fichead sluaigh, na’m biodh e air a dheagh obrachadh. Bha dithis dhaoine a’ sealg fhiadh ann an cearna de dh’ Ontario air la roimhe; air dhaibh a bhi astar beag o chéile loisg an darna fear air an fhear eile, an dùil gu’m bu fiadh a bh’ ann, agus ga mharbhadh air a bhad. Chaidh Delisle, sgiobair an Tiber, a ghlacadh, agus tha e nise ann an greim am Montreal, air son e dh’ a bharachach bàs nan tri duine deug a chaidh a chall bhar an t-soithich a chuir an Tiber fodha an acarsaid St. John’s. Tha an t-Onarach A. G. Blair, Ministear ann Rathaidean-iaruinn ’s nan Rathaidean-uisge ri bhi ann an Ceap Breatunn toiseach na seachdain s’a tighinn. Bha dùil ris o chionn còir us mios, ach gus a so cha d’ thainig e. Tha sgiobair soithich a thainig á Eilean Sable air an t-seachdain s’a chaidh, ag innse gu’n deachaidh moran fiodha air a leth losgadh a chur air tir air an eilean sin. A reir gach colthais ’s ann bhar soithich a chaidh ’na teine a thainig e. Ann an Congress nan Staitean re nan ceithir bliadhna s’a tighinn, bidh 207 de Republicans, 137 de Democrats agus 13 de Phopulists, Bidh 153 dhiubh sin air taobh saor-chuinneadh an airgeid, agus 204 ’na aghaidh. A reir colthais chaill Bryan am blàr gu dona. Chaochail bean da’m b’ ainm Iseabail Riddell ann am Markham, an Ontario, Di-màirt s’a chaidh, s i ’n deigh aois ceud bliadhna ’sa sia a ruigheachd. Bha a fradharc, a claistneachd, ’sa cuimhne aice gus an latha mu dheireadh, agus bha i riamh dheigheil air smocadh na pioba. Chaidh an t-Innseanach do’m b’ ainm “Droch-dhuin-óg,” a rinn àireamh mhort ann am Manitoba o chionn ghoirid, a ghlacadh an la roimhe agus tha e nise ’sa phriosan. Mu’n do ghlacadh e, mharbh e fear de na maoir a bh’air a thòir. Bi’dh e air fheuchainn ann am baile Winnipeg, agus cha’n eil teagamh nach teid a chrochadh. Tha bràthair do’n duin’ ainmeil nach maireann, Dr. Daibhidh Livingstone, a’ fuireach ann an Listowel, an Ontario. Tha e ceithir fichead bliadhna ’sa sia a dh’ aois, agus gle thapaidh fhathast. Dh’ fhalbh e air an t-seachdain s’a chaidh a choimhead fear de mhic, a tha fuireach ann an Seattle, Wash. ’S e an aon fhear a tha beò de bhraithrean an Dotair. Chaidh fear Henry Dennismore a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Stewiacke, N. S., Diciaduin. Bha e coiseachd air an rathad agus thainig an carbad air gun fhios da. Bha soirbheas mor ann aig an àm agus thatar a’ deanamach a gu’n do chum sin e gun fuaim a’ charbaid a chluinntinn. Bha e 43 bliadhna dh’aois, agus dh’ fhàg e seachdnar no ochdnar chloinne. Bha binn bàis air a toirt a mach air gille òg ann am Port Hope, Ont., air an fhoghar so air son seann duine a mhort. Bha e ri bhi air a chrochadh air an 16mh latha dhe’n ath mhios, ach chaidh a bhinn sin atharrachadh gu tigh-obrach ri bheò. Cha’n eil an gille ach sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Ma’s math ar cuimhne, ’s e dhol bhar a chéile mu mhaigheach a rinn e fhéin ’san seann duine ’nuair mharbh e. Thainig bean ann an Coburg, Ont., ri beatha fhéin air dòigh uamhasach a sheachdain gus an diugh. Dh’ òl i lan cupa de dh’ olla, agus an sin bhog i a cuid aodaich leis an stuth cheudna ’s chuir i teine ris. Bha i air a losgadh gu bàs. Tha Ard-riaghladh Chanada agus Riaghladh Mhanitoba air tigh’n gu còrdadh a thaobh nan sgoilean. Cha’n eil na còrdaidhean a rinn iad air an deanamh uile gu leir follaiseach fhathast, ach bidh fhios againn orra an ùine gun bhi fada. Gheibhear ’san àireamh so ainmean na phàigh o’n bha ’n ainmean ’sa phaipear roimhe. Tha romhainn na h-ainmean a chur ’sa phaipear na’s trice an deigh so, agus tha sinn an dòchas gu’m bi àireamh mhath againn ri chur ann eadar so us bliadhn’ ur. Tha na mathain anabarrach pailt ann an cearnan de Stàit Maine. Ann an aon sgireachd tha iad a reir colthais an deigh seilbh a ghabhail; dh’ fhàs iad cho lionmhor ann ’s gu’m b’ fheudar an sgoil a dhùnadh, air eagal gu’n toireadh iad leotha a chlann. Tha dùil ri Diuc agus Ban-Dùic York a thigh’n air chuairt do Chanada air an t-samhradh s’a tighinn. Ma bhios an Diùc beò fada gu leòr bidh e ’na righ air Breatuinn, agus air sgàth sin cha’n eil teagamh nach dean muinntir Chanada a bheatha ’nuair a thig e. Tha e furasd’ fhaicinn gu bheil an geamhradh a tighinn. Tha “beagan sneachd air làr againn” gu math tric, agus am fuachd a tighinn ’s ’ga chur fhéin an céill na’s motha ’s na’s motha gach seachdain. Ge b’e de thig no dh’ fhanas as an dùthaich so, tha sinn cinnteach as a’ gheamhradh. Tha na Soisgeulaichean, Crossley agus Hunter, a cumail choinneamhan na h-uile h-oidhche ach oidhche Shatharna, agus tha ’n eaglais cho làn ’sa chumas i aig gach cainneamh. Tha dùil aca bhi ’sa bhaile mu dha sheachdain fhathast, agus ma bhios soirbheachadh math leotha, dh’ fhaodte gu fan iad na’s fhaide na sin. Mu’n àm so dhe’n bhliadhna thatar a’ deanamh call mor air a mhuir. ’S gann gu bheil latha dol seachad gun sinn a leughadh mn dhaoine bhi air an sguabadh bhar bòrd shoithichean ’s air am bàthadh, agus gle thric na soithichean le ’n sgioba air fada bhi air an cur dh’ an ghrunnd. ’S beag tha dh’ fhios aig luchd na tire gu de miomhadh luchd na mara. Iadsan a Phaigh. Coinneach Mac Rath, Loch Bhlackett. Alastair J. Peutan, Sidni. An t-Urr. A. L. Domhnullach, B. C. Chapel. Iain Mac Coinnich, Gut Mhira. Altstair Mac Amhlaidh, Milton. Domhnull Mac Philip, Framboise Intervale. Lachuinn Mac Fhionghain, Acarsaid Mhargaree $2. Seoras Mac Neacail, Cobh a Bhiobhair. An t-Urr. R. Mac Neill, Grand Mira, $3.00. Aonghas Mac Asguill, Rudha ’n Rothaich. A. D. Mac Suinn, Glascho, C. B. Aonghas D. Morieastan, cul Baile-nan-Gall. Caiptean Donnacha Mac Leoid, Baile-nan-Gall. Coinneach Mac Asguill, Mill Pond. D. D. Mac Phàrlain, B. C. Chapel. Eobhan Mac Cuthais, Port Morien. D. R Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont. Aonghas Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont. D. R. Mac Gillebhrath, Cnoc na h-Eaglais, Ont. Alasdair Mac Calamain, Priceville, Ont. A. M. Caimbeul, Aldborough, Ont. Mor Nic Philip, Weymouth, Mass. An t-Urr. D. Camaran, Georgeville, N. S. An t-Urr. D. Siosal, Antigonish, N. S. $2.00 Domhnull Boyd, Frazer Mills, $2.00. Iain Graham, Lingwick, Que. Aonghas Mac Laomuinn, Rose Valley, P. E. I. Eobhan Mac Dhomhnuill, Lunnuinn, Sasuinn. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 153] [Vol. 5. No. 20. p. 6] “MIANN A’ BHAIRD AOSDA.” (Air a leantuinn.) Bha e ’n a chomharradh uasal agus rioghail air na seann Ghaidheil an t-àit’ àrd agus urramach a bha iad a toirt do mhnathan. Cha robh samhla, dealbh, no cruth, ’bu mhaisiche na chéile nach cuireadh iad ann a’ cleachdadh ann a bhi luaidh air cliù nam ban. Tha sgeul’ anabharrach briagh againn ann am bardachd na Féinne, air bana phrionnsa òg mhaiseach, nighean do righ Erinn, a bha air la àraidh a’ gabhail cuairt a mach le ’cuid mhaighdean, ’n uair a thainig prionnsa borb laidir orra gun fhios dhaibh; agus ghoid e leis an òigh mhaiseach so. Ach air la àraidh fhuair i teicheadh air ann am bàta agus thug i ’n cuan oirre. Thachair dhi tighinn air tìr air cladach Alba, agus cò bha air thoiseach oirre air an tràigh ach Fionn rìgh na Féinne agus a chuid gaisgeach. Tha e coltach gur e Fionn fhéin a tha labhairt anns an duan so, agus tha e dol air agaidh leis an sgeula gus an do bhuail am bata an cladach, agus an sin:— “Dh’ éirich as maise mnà, B’ ionnann dealradh dhi ’s do ’n ghréin, ’S a h-uchd mar chobhar nan tonn, Le fliuch osnaich throm a cleibh. Is sheas sinn uile air an raoin, Na flaithean caoin ’us mi féin; ’S a’ bhean a thainig thar lear, Bha sinn gu leir roimpe sèimh.” Tha e coltach gu’n dh’ aithnich a bhana-phrionnsa òg Fionn flath an t-sloigh, agus tha mi creidsinn nach robh sin duilich dhi; agus labhair i ris mar so:— “Mo chomhraich ort ma’s tu Fionn, ’S e labhair rium am maise mnà; ’S i do ghnùis do ’n ànrach a ghrian, ’S i do sgiath ceann-uighe na bàigh.” Agus fhreagair Fionn air ais i gu duineil, càirdeil, caoimhneil:— “A gheug na maise fo’ dhriùchd a’ bhròin, ’S e labhair gu fòil mi féin, Ma’s urra gorm lannan do dhion, Bidh ar cridh’ nach tiom do ’n réir.” Agus ’n uair a fhuair ise a leithid sin de mhisnich làidir bho Fhionn, dh’ innis i gu saor a trioblaid dha:— “Torachd a tha orms’ air muir, Laoch is mor guin air mo lorg, Mac righ Sorcha sgiath nan arm, Triath d’ an ainm a Maighre borb.” Cha do chuir buirbe agus treubhantas a fear-tòrachd eagal ’s am bith air Fionn, ach fhreagair e i mar a bhuineadh dha chliù, gu fiallaidh, gaisgeil, agus rioghail:— “Glacam do chòmhraig a bhean, Ro aon fhear ’tha air do thì, ’S a dh’ aindeoin a Mhaighre bhuirb, Bidh tu a’m bruth Fhinn aig sith. Tha talla nan creag aig laimh, Aite taimh chlann nam fonn; Far am faigh an t-ànrach bàigh, A thig thar bhàrca nan tonn.” Agus ghuidheamaid gu ma buan agus maireannach a bhios an spiorad fiallaidh, gaisgeil, agus rioghail sin, a gabhail seilbh air clann nan Gàidheal ge b’ e ceàrn de ’n domhan anns am bi iad a’ còmhnuidh. Ach gu bhi tilleadh ris a’ “bhàrd aosda.” Tha nise gach sealg, ’us gaol, ’us cath, aig an ceann, agus tha fios aig a’ bhàrd gu’m bheil a’ chrioch a’ tarruinn dlùth, agus tha e ’g innse dha chàirdean far an dean iad an càradh deireannach air:— “O! cuir mo chluas ri fuaim Eas-mòr, Le chrònan a’ teàrnadh bho ’n chreig, Bidh cruit agus slige ri m’ thaobh, ’S an sgiath a dhion mo shinnsir ’s a’ chath.” A dh’ aindeoin gach trioblaid a thainig air a’ bhard tha coltach nach do dheallaich e riamh ri sgiath a shinnsir. Cha b ’e mhain gu ’n robh an seann Ghaidheal a’ faicinn mar fhiachaibh air a chliù agus onair fhéin a sheasamh ri am a’ chath agus a’ chruadail, ach bha cliù agus claidheamh a shinnsir aige ri ’n cumail glan. Cha robh neach ann am measg nan seann Ghàidheal air a chunntas cho tàireil ris a’ ghealtair. Bha suidheachadh a’ ghealtair dìoblaidh agus tàireil anns an t-saoghal-so, agus ann am beachd nan seann Ghàidheal cha robh gu’ bhi feitheamh air ach ionad na truaighe anns an t-saoghal a tha ri teachd. Tha cunntas againn anns a’ bhàrdachd aig Mordubh, air la àraidh a chaidh sliochd na h-Alba mach gu cath a thoirt do na Lochlunnaich. Tha e coltach gu ’n robh duin’ òg ann an armailt’ na h-Alba anns an robh taom de ’n ghealtair, agus thòisich e air gabhail an eagail, agus a’ radh ri càch gu’m milleadh na Lochlunnaich iad agus gu’m b’ fhearr dhaibh teicheadh. Bha seann ghaisgeach treun do ’m ainm Ciabh Ghlas, faisg air a chuala labhairt air an dòigh sin e, agus chronaich e ’n droch shaighdear sin leis na briathran a leanas:— “Imich thus’ a ghealtair chlaoin, Gu aiseiridh shàmhach nam ban, Tha t-anam air chrith mar dhuille uaine, A ghluaiseas roimh anail nan speur, Mar’ thuiteas i roimh fhuachd a gheamhraidh, Teich thus’ o na naimhdean borb; Ach is iomadh craobh gharbh ’s a’ bheinn so, A sheasas ’n uair is gailbeach sion, ’S tric ’thainig naimhdean bho thuath, Ach buannachd cha tug iad riamh, Imich thus’ a mhic gun chliù Gu aiseiridh chùil nan daoine crion.” Ma chual am “bàrd aosda” iomradh riamh air a’ chreideamh Chriosduidh tha e coltach nach d’ fhuair an creideamh sin àite ’n a chreud. ’S e ’n t-ullachadh a bha e ’g iarraidh air son an turuis air nach till, cruit chiùil, slige òil, agus sgiath cogaidh a shinnsir. Cha’n ’eil teagamh nach b’ i sin creud an lath’ anns an robh am bàrd beò, agus ged a chì sinne a chreud sin borb agus fineachail ann a’ solus an latha ’n diugh, cha robh beachd a’ bhàird idir cho mi-fhallain ’s a shaoileas cuid. B’ e thogradh agus a mhiann a bhi leis a’ chuid a b’ fhiughaile agus ’bu rioghaile de’n t-sluagh a dh’ fhalbh air thoiseach air:— “Thig le càirdeas thar a’ chuain, Osag mhìn a ghluais gu mall, Tog mo cheò air sgiath do fhluaitheis, S imich grad gu eilean fhlaitheis. Far ’m bheil na laoich a dh’ fhalbh o shean, An cadal trom gun dol le ceòl; Fosglaibh-sa thalla Oisein ’us Dhaoil, Thig an oidhche ’s cha bhi ’m bàrd air bhrath. Ach O! mu ’n tig i, seal mu ’n triall mo cheò, Gu teach nam bàrd air Ar-bheinn as nach till, Fair cruit ’s mo shlige dh’ iunnsaidh ’n ròid, An sin mo chruit ’s mo shlige ghràidh slan leibh.” Ge b’ e ionad anns an robh talla Oisein, ’us Dhaoil, eilean-fhlaitheis, no ’n Ar-bheinn air an robh flath an t-slòigh a’ gabhail còmhnuidh, bha ’m bàrd a meas gu ’n robh làn chòir aig air a bhi leo sin. Tha e coltach gu ’n robh a’ bheachd cheudna aig Oisein, ’n uair a bha e-fein agus an Cleireach a labhairt mu nithe spioradail. “Cò” ars’ Oisein, “a bhiodh airidh air flaitheis Dé mur a biodh e aig uaislibh na Feinne.” Mar a thuirt mi roimhe, tha e coltach nach robh aobhar dochais air fhàgail aig gealtairean, agus daoine suarach ach ionad na truaighe. Agus cha b’ e idir teas agus losgadh an ionaid sin a bha cur eagail air na seann Ghaidheil, ach fuachd agus fluicheachd. Tha bàrd àraidh nach robh ’g a dheanamh fhéin cho cinnteach a eilean fhlaitheis ’s a bha ’m “bàrd aosda,” a toirt a bheachd fhéin air an ionad sin:— “’S beag orm ifrinn fhuar, fhliuch, Aite bith-bhuan is searbh deoch.” Tha bàrd eile tha e coltach, aig an robh beagan amharuis gur’ dòcha gu’m b’ e an t-ionad sin a chuibhrionn fhéin air deireadh na cuise, ag innse cho beag tlachd ’s a bha aige aghaidh a chur air a leithid a dh’ aite:— “A thìr nam pian gun bhiadh gun bhàigh, A dhol a’ d’ dhàil b’ e sud mo dhéisdinn.” Ach ann an co-dhùnadh ceadaichidh sibh dhomh a radh gu’m bheil moran de eòlas luachmhor a dh’ fhaodamaid fhoghlum bho eachdraidh ar sìnnsir. Tha moran ann an cainnt agus ann an eachdraidh ar sìnnsir a tha airidh air a chumail air chuimhne. Agus bu chòir dhuinne mar Ghàidheil, agus mar chomunn Gailig ar dichioll a dheanamh ann a bhi ’g aiseag cliù agus cainnt ar sinnsir gun mhasladh, gun truailleadh, mar a fhuair sinn iad, sios do ’n ghinealach a tha teachd ’n ar déigh. Agus ’n uair a thig ar crioch, ge b’ e Flath-innis no ’n Ar-bheinn air am bheil na bithean is àirde, is sona, agus is gloirmhoire, a’ gabhail còmhnuidh, gu ’m bi ar caithe-beatha anns an t-saoghal-so a’ toirt aobhar dòchais dhuinn gu ’m bi ar cuibhrionn shiorruidh againn leo sin. Tha an Reiseamaid Dhubh a nise ochd fichead us seachd (167) bliadhna dh’ aois. Bha cuirm mhor aig na h-oifigich ’s aig uaislean eile ann an tigh-òsda Bhalmoral an Dun Eideann, air an darra latha fichead dhe’n mhios a chaidh, co-ainm an latha air ’n do thogadh an Reiseamaid an toiseach. ’Se McKinley an 25mh ceann-suidhe a fhios aig na Stàitean. Latha no dha mu’m bi e air a chur dh’an dreuchd bidh e 52 bliadhna dh’ aois. [TD 151] [Vol. 5. No. 20. p. 7] Litir a Manitoba. FHIR DHEASACHAIDH FHIUGHAIL,—Ma’s e ur toil e, tha guth beag agam ri labhairt ann an cluas MHIC-TALLA. Oir ged nach eil mi féin agus esan min-eòlach air aon a chéile fathast ’s math a b’ aithne dhomhsa a sheanair nuair a bha mi a m’ bhallach a buachailleachd chruidh ’us chaoraich eadar a Bheinn-bhuidhe agus Bealach-nan-Carn, far am b’ àbhaist do Dhomhnull-nan-Oran a bhi seinn a chruit-chiùil, agus do Mhàiri Chaimbeul a bhith tionndadh ’s a tiormachadh cheap airson a gealbhan a chumail beò ’s a bhothan bheag far am minic a dh’ ith mise bonnach, agus mar sin air aghaidh. Seadh, tha mi an geall air mo ghob fhaotainn ann ad’ chluais a dhuine chòir. ’Bheil fhios agad gu robh comh-chruinneachadh mor de Ghaidheil aig a Chuirm-bhliadhnail a bha air a cumail anns a bhaile so anns an Talla ùr air feasgar Di-luain s’ a chaidh? Bha suipeir mhath, bhlàth, aig na seòid am beul na h-oidhche, agus nuair a bha h-uile sgròban air a lionadh le feòil ’us sithionn, agus iomadh biadh blasda, shuidh an t-Urramach Mr. Gollan anns a cathair agus ann am priobadh na sùla bha piob mhor nan dos a nuallanaich air an ùrlar, agus thoisich a chaithream, a dhuine. Bha mhaighdean uasal Nic Illeathain as an Ard-bhaile-mhor air a sgeadachadh le sìde geal mar shneachda o làr gu mullach, agus i cho binn ri smeòraich ’sa mhaduinn chéitein, a seinn Beurla agus Gàilig. Nighean nam beannachd, agus brod na bana-Ghaidheil! Cha ’n eil òranaiche eile ’san dùthaich so coltach rithe. Ach stad, eadar thu féin ’s mi fhin, nach d’ rinn fear do na ballaich againn òran dith, agus gu cinnteach ’s i fhèin a choisinn e, agus gu ma fada beò i agus ceò bharr a taighe! Bha coignear mhinistearan againn a labhair gu suilbhir, sùrdail, briathran iomchuidh, agus a h-uile fear a stri gu cruaidh ri bhi dearbhadh a dhaimh do na Gàidheil. Sud far an robh an t-agairt air càirdeas! ’M fear nach robh Gailig aig a sheanair bha i aig a sheanamhair; ach ’s beag leam fein sealgair gun ghunna, ministeir gun ghràs, agus Gàidheal gan Ghàilig. ’Nuair a dh’ éirich an searmonaiche Mac Illeathain, fear teagaisg nan Croitearan dlùth dhuinn fein, thug e seachad òraid ann an Gàilig bhinn, bhlasda, nach robh riamh ann an cleamhnas, no ann an cliamhuinneas ri teanga choimhich. Sud far an robh an oidhche, oir ged bha cur us cathadh ann a dhalladh duine gun sùilean bha ’n talla cho làn ri ubh. Thug a phiob mhor ’s na h-òrain, agus a Ghàilig a mach iad. Tha da choimhthional an so ri taobh a chéile far am bheil an t-seann chànain a seirm an t-soisgeil a h-uile seachduin. A MHIC-TALLA choir, ’s cinnteach gun cual thusa mun chaillich a bha tairgse “am bonnach beag le a bheannachd, no ’m bonnach mor le a mhallachd.” So dhuitse am bonnach beag so, ’s cuir féin ìm air. Is mi do charaid dileas, MAC DHOMHIULL BHREABADAIR. Fairhall, Man., 4, 11, ’96. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; So a Mhic! Ciamar a tha d’ Uaireadair? Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH. Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring, 75c. An da chuid, $1.25. Agus theid iad an urras air an obair. CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, - - C. B. [TD 152] [Vol. 5. No. 20. p. 8] Oran Gaoil. LE UILLEAM ROS. Tha mi fo mhighean san am, Cha’n olar leam dram le sunnd. Bha duil agam tuiteam ad dhail Nam fiosraicheadh cach mo ghrunnd, Cha b’ iul domh ri ’faicinn air sràid An cailin bu tlaithe suil Na ’n leannan a bh’ agam dhomh fein ’S e do mhacnus a b’ eibhinn lium. ’S e do mhacnus a b’ eibhinn lium ’Nam eirigh gu h-ur a m’ shuain. Chan fheil mi gam fhaireachdainn slan, ’S e do thuras a dh’ fhag mi truagh. ’S lionmhor bord air ’n do chuir mi a sios Do chomhradh a b’ fhiach ’thoirt bhuat. Tha mise gun cheangal o’n chlèir ’S ghabh thus’ an ratreut air chuan. A ghruagach bha uasal nad bheus Ged ghabh thu’n ratreut air chuan, Cha do lughdaich sud bonn de mo speis, Ged thug e mo cheile bhuam. An ni sin a dh’ ordaich Mac De Gun dig e gu feum ri uair, Gheibh gach fleasgach an te tha ’n dan ’Thoirt dha sòlais no craidh na chuairt. Gach aon duine chluinneas mo chàs Tha ’cur air mo nadar fiamh, Ag radh nach h’eil annam ach bard S nach cinnich leam dàn is fiach. Bha mo sheanair ri paigheadh a mhail, S bha m’ athair ri aiteach riamh, Is chuireadh iad gearainn an crann Is ghearainn-sa rann roimh chiad. Cha duisgear leam ealaidh air aill, Cha chuirear leam dàn air doigh, Cha togar leam fonn air a chlàr, Cha chluinnear leam gair’ nan og, Cha dirich mi bealach nan ard Le suigeart mar bha mi ’n tòs; S ann thriallas mi chadal gu brath Do thalla nam bard nach beo. Ach, a dhaoine, cha b’ aobhar dhomh tòir Nam faighinn i ’n còir dhomh fhin; Cha d’ fhas orm mo chabair cho ard ’S nach faighteadh dhomh samhladh ’s tir. Ni bheil mi mar udlaich’ air spreidh, Mar fhear nach dug speis do mhnaoi. ’S e ghruagach dhol bhuam chuir mi ’n eis S gur a fad’ tha mi fein ga caoidh. Oran. Dh’ eirich ni moch, Na ho i o hi o, Maduinn dhruchda, Na hi iu ri ri bhi o, E ho ro bh’ èile Na ho i o hi o. Chunnacas bata Falbh gu siubhlach. S dol timchioll Rugha ’n Dunain. [?] e mo leannan Bha ga stiuireadh. Cas gu freasdal, Lamh gu stiuireadh, Dh’ aithnicihnn t’ fhaileas S a chuan du-ghorm. Fhir ’bhroillich ghil, Thug mi run dhuit. N dig thu ’n nochd? Am bi mo dhuil riut? N dean mi n dorus Ort a dhùnadh? ’N dean mi ’choinneal Bhàn a mhuchadh? ’S beag an t-ait An deanainn rum dhuit. Laoidh. Nis tha ’n latha seachad, ’S feasgar ’ciaradh nuas, ’S nèula tiugh na h-oidhche Anns an iarmailt shuas. Nis tha ’n dorch’ a laidhe, ’S rionnag air an spéur; ’S tha luchd-tàimh na coille ’Dol mu thàmh gu léir, Iosa, thoir do ’n ànrach Cadal fallain, ciùin; Sùilean beag’ do leinibh, Le do bheannachd dùin. Aislingean gun bhuaireas Deònaich fhéin do d’ uain; Coimhid an luchd-mara, Mach air uchd a’ chuain. Beannaich dream tha faire Muinntir thinn ’s fo shian; Dream tha ’n ti air droch-bheart, Gleidh o ’m peacadh dian. Ré na h-oidhche faide, Sgaoileadh d’ ainglean naomh’ Sgiathan geala tharainn, ’S faireadh iad r’ ar taobh. ’S nuair a thig a’ mhadainn, Eiream leas a’ ghréin, Urail, glan, ’s neo-lodhdach Ann ad shùilean fhéin, Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Gheibh thu e gu deireadh na h-ath bhliadhna air son dolair. Bu chòir do gach duine, bean, us pàisde a leughas Gàilig a bhi ’ga ghabhail. Cuir ’ga iarraidh ma ta gun dàil ’s cha bhi ’n t-aithreachas ort. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA An Nasguidh Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus FAIGH FEAR DHIUBH. THA AM BATHAR CHO SAOR ’SA GHABHAS Bathar Math Faighinn. D. J. DOMHNULLACH. [TD 153] [Vol. 5. No. 21. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 28, 1896. No. 21 Mo Sheann Chruit-Chiuil. Fair a nall mo sheana chruit-chiuil, Fair thugam i gun dàil, Oir feumaidh mi dan eile ’sheinn M’an triall gu léir mo chail, ’S mo lamh dhuibh nuair a sheinneas mi, Sin fonn a dh’éireas leinn; Se tir nam beann ’us tir nan gleann An tir is anns’ leam fein. Dh’ olainn cuach do thir nan cruach Le caithream uallach cleith! Tha’m fraoch a’ luasgadh air a’ bheinn ’S nam leum thar bharr nan cas; Tha h-uillt a’ seinn air saors’ an fhuinn, Troi ’n taom an steud shruth’ bras. Se ’n tir ma ’n iadh an lear, mo sheoid! An tir da mò mo speis; Se tir nam beann ’us tir nan gleann, An tir is annsa leinn; Dh’olainn cuach do thir nan cruach, Le caithream uallach cleith! Tha’n cluaran dosrach air an fhaich’ An d’ tharaing Wallace lann; San d’thug e fuil a namh’ ma shliabh A dhath a liath-bhrait ann; Sa sealltuinn dha san iar, mo sheoid! Gun d’ sheinn e’n t-oran treun; Se tir nam beann ’us tir nan gleann An tir is anns’ leam fein; Dh’olainn cuach do thir nan cruach Le caithrean uallach cleith! Glan speuraibh aillidh dhuthcha cein, Tha sgaoilt’ os cionn na traill; Thoir dhomh-sa tir a cheo ’s na saors’, San aobhach guth nam bard; An tir a dh’eisd ri Oisein binn A seinn air Suinn na Feinn. Se tir nam beann ’us tir nan gleann An tir is annsa leinn; Dh’ olainn cuach do thir nan cruach Le caithream uallach cleith! Ead. leis a Bhard Luideagach. Cleachdaidhean Gaidhealach. (Air a leantuinn.) Bha creideimh làidir aca ann am buidseachd, ’s ann an cronachadh. Na ’m fàsadh beothach tinn ’s ann air a chronachadh a bhiodh e, agus chuirte fios air seann chaillich a dheanamh eòlais a chronachaidh do’n bheothach a bhiodh tinn. Bhiodh an t-seana bhean bhochd sin ri saothair mhor am feadh ’sa bhiodh i ’deanamh an eolais. Bha làn chreideamh aca gu’n rachadh am beothach na b’ fhearr ’nuair a dheante ’n t-eolas dha, agus mar bu trice thachradh gur ann mar sin a bhitheadh, agus theireadh iad:—“Nach ann agamsa bha ’m feum air Mairi Bhàn a dheanamh an eòlais do’n mhart agam, a chronaich Uilleam Mor ’n uair a chaidh e troinh ’n bhuaile agam an la roimhe.” “Och us och,” theireadh iad, “nach ann aig a bhéist a bha ’n droch shùil.” Bhiodh an toradh ’ga thoirt as a bhainne gle thric; chaidh cuid-eigin troimh ’n bhuaile an àm bleoghan a chruidh, chunnaic e am bainne, agus thug e leis an toradh. Cha tigeadh mir ime as an uachdar ged a bhiodh iad ’ga mhaistreadh fad seachdain. Dheante fios a chur air fear-eòlais gus am maistreadh a dheanamh, agus ’nuair a thòisicheadh am fear sin air a churn, theireadh e ri bean-an-taighe, “Nis a bhean, na gabh eagal nuair a bhios mise ullamh,” agus bhiodh e mar a theìreadh e; ’nuair a bhiodh e ullamh, bhiodh an curn lan ime dh’ ionnsuidh a bheòil, toradh tri no ceithir a thrathan a chaidh seachad air an toirt air ais. Ach feumaidh mi stad; thuirt mi gu leòr cheana, ’s cha bu mhath leam gu’m biodh e air innse ann an Gat, no air a chur an céill an sràidibh Ascelon, gach cleachdadh a bh’ aig na daoine còire bho’n d’ thàinig sinn. Agus tha mi an dòchas nach eil seòrsa sam bith eile is urrainn an litir so a leughadh, oir cha bu mhath leam gu’m biodh na dh’ ainmich mi aca ri thilgeadh oirnn. Ma thuirt mi ni sam bith nach eil ceart, tha mi toirt cead do neach sam bith mo chur ceart. Bheir mi naigheachdan an àite dhuibh an ath uair, agus leigidh mi le “gu math” a bhi gu math—Slàn leibh an nochd. Is mi do charaid mar a b’ àbhaist, IAIN MAC GILLEASBUIG. Priceville, Ont. A Priceville, Ontario. Tha mi ’faicinn nach robh rùm agaibh air son mo litir mu dheireadh a chur sios aig aon àm, agus le sin feumaidh mi bhi na’s giorra an dràsda. Bha side bhriagha againn fad mios October; bha i tioram, ach a reir coltais cha bhi i fada mar sin. Fhuaireadh cruinn gach seòrsa barra, agus a nise thatar gu bhi ullamh de ’n tuirneap. Bha bàrr math dhi anns an àite so am bliadhna. Bha ’m buntata gle mhath; tha e reic air 25c agus 30c am pochda. Tha pris an fhlùir air eiridh dolair am barailte, ach tha e a’ tuiteam beagan a nis. Tha peasair a reic air 40c gu 45c am buiseal, agus an coirce air 20c gu 22c. Tha spréidh gu math saor; da-bhliadhnaich a reic air son eadar $10 us $15 an ceann, agus crodh bainne eadar $15 us $25 an te. Cha’n eil e furasda obair fhaotainn mu’n àm so dhe’n bhliadhna, agus tha e gle dhuilich do dhaoine bochda beòlaind a dheanamh. Ach cha do bhàsaich duine riamh ’san àite so leis an acras, agus tha mi ’n dochas nach bàsaich am bliadhna. Tha cuid air pòsadh ann an so bho’n sgriobh mi ugaibh roimhe. Chunnaic mi banais a dol troimh ’n bhaile an la roimhe, agus na’m biodh na fir òga uile nan dleasanas dheanadh mo charaid urramach, Maighstir Domhnull Mac Leòid, iomadh “coig dolair” orra mu’n rachadh an geamhradh seachad. Tha gu leòr de bhaitsilearan ann a dh’fhaodadh a bhi nan seanairean roimhe so, ach tha iad fhéin an dùil gu bheil iad òg gu leòr gu pòsadh fhathast, ’s ma’s fhior dhaibh féin, cha’n eil te sam bith math gu leòr dhaibh. Nach iad fhéin na bodaich ghòrach! Bha ’n t-urr. D. Mac Coinnich, á Ceap Breatuinn a searmonachadh againn ’san eaglais Chléirich an so da Shàbaid an deigh a chéile. Shearmonaich e aig a Chomanachadh. Tha Gàilig mhath aige, agus dh’ fhaodadh gu leòr a bhi mach ’ga éisdeachd, oir tha gu leor de Ghàidheil ’san àite. Ach tha moran diubh nach eil gle dheigheil air a bhi ’g éisdeachd na Gàilig. Cha bhi ’n ùine fada, tha mi creidsinn, gus am bithear a sgur ’ga searmonachadh anns an àite so, ged is mor an call e. Ach fhad ’sa bhios Dùghall Mac Gilleain beò cha teid stad a chur oirre, ged is math a theid aige air òraid Bheurla dheanamh ’nuair a thogras e-fhéin, ’S coingeis le Eachunn Mac Fhionghain Beurla no Gàilig; tha e gabhail MHIC-TALLA ’s cha dean math dhomh a bheag a ràdh uime no bheir e na cluasan dhiom air son ’ainm a chur ’sa phaipeir. Ma dh’ fhaodte gu bheil e càirdeach do,n fhear-dheasachaidh, agus ma tha, gu dearbh cha toir sin di-meas sam bith air an fhear-dheasachaidh. Di-ciaduin s’a chaidh bha ’n t-Urr. Domhnull Mac Leòid aig tòradh roimh mheadhon latha, agus air pòsadh an deigh mheadhon latha. Tha beagan sneachd againn o chionn da latha, ach tha cuid a treabhadh fhathast. Cha sgriobh mi ’n còr an dràsda, Oidhche mhath leibh. IAIN MAC GILLEASBUIG. Nov. 12, 96. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair. [TD 154] [Vol. 5. No. 21. p. 2] CALLUM-CILLE. Cha ’eil teagamh sam bith nach b’ ann ’s a’ chreideamh Chriosduidh a bha na cinn fheadhna a dh’ainmich sinn, agus an luchd-leanmhunn air an togail suas. Ach cha tug iad oidhirp sam bith air an deadh sgeul a chraobh-sgaoileadh a measg nan treubhan a bha mu’n timchioll. Cha robh ni air an aire ach an saoghal a chothachadh, ged a dh’ fheudas e bhi ’am freasdal an Tighearna gu ’n robh iadsan a thighinn do Alba ’na mheadhon air a bhi a’ réiteachadh an rathaid roimh an duine mhaith a rinneadh ’na inneal an soisgeul a thoirt do eileanaibh ’us tir-mòr na h-Alba, a bha ’s an àm ud fo dhorchadas na Pàganachd. B’ ann ’s a’ bhliadhna 563 a thàinig Callum-Cille ’nall á Eirinn do thaobh ’s iar Alba, le dà fhear-dheug de luchd-leanmhuinn ionmhuinn, a bha mar dheisciobluibh aige, ’s mar luchd-cuideachaidh, a’ searmonachadh do’n t-sluagh a thainig e ’theagasg. Bha Callum-Cille féin ’na dhuin’ òg, ’an tréin’ a neirt an sin, mu dhà fhichead bliadhn’ a dh’aois, ’na dhuine fòghluimte, a réir an tomhais eòlais a bh’ aig daoinibh ’s an àm ud, ’an dluth dhàimh ri aon de theaghlaichean rioghail Eirinn, agus do’n righ Conall, de shliochd Fhearghais a bha ’rioghachadh ’an taobh ’s iar na h-Alba ’san àm ud. Roghnaich Callum-Cille eaglais ’us àite tàimh a chur suas air a shon féin ’s a luchd-leanmhuinn ’an eilein beag air culthaobh Mhuile, ris an abairte I, agus o’n uair ud, I Challuim-Chille, a thug an righ dha, a réir barail cuid, mar shaor-thiodhlac. Cha robh cheud eaglais a chuireadh suas ach beag ’us suarrach, ach ’an déigh sin chuireadh eaglais a suas ris an abrar Abaid, aig a bheil mìrean de ’n bhalla ’na sheasamh fathast. As an eilean bheag so bha iad air ais ’s air aghart a’ searmonachadh air feadh Alba gu h-iomlan. B’ e aon de na ceud turuis a rinn Callum-Cille féin a dhol a dh’amharc Bhrìde, righ nam Picteach, aig an robh a lùchairt an taobh-deas Alba. Tha luchd-eachdraidh ag ràdh gu’n do dh’ iompaich Callum-Cille Bride. Co dhiù bha ’s nach robh barrachd ann air na b’ urrainn Callum-Cille ’dheanamh de iompachadh thug an righ làn chead agus, a réir coslais, cuideachadh do na soisgeulaichibh ud an deadh sgeul a chùr an céill anns gach cearna de ’rioghachd. Bha iadsan a’ gabhail a’ chothroim mar a b’ fhearr a dh’fheudadh iad. Bha Collaist aca ’an I anns an robh iad a’ fòghlum theachdairean òga ’s ga’n deasachadh air son searmonachadh an t-soisgeil. Bha na teachdairean so a’ dol tre gach eilean ’us cearna, air sheòl ’s gu’n cual iad uile iomradh air slighe na slàinte. Bha saothair nan daoin’ ud gu mòr air a beannachadh do’n t-sluagh; cha b’ ann a mhàin ri linn Challuim-Chille fèin, ach ré ùine mhòir an déigh sin. B’ e Cùil-dé-ich a theireadh na Laidinich ris a’ cheud mhuinntir a thréig an iodhalan, agus a dh’ aidich an ùmhlachd do lagh Challum-Chille. Tha caochladh bharailean a measg luchd-eachdraidh mu sheadh an fhocail, Cùil déich; ach ’s e ’s coslaiche gur h-e ’n seann fhocal Gàelic, Gillean Dé a th’ann, leis an robh an luchd-dùthcha a’ cur dealachadh eadar a’ mhuinntir ud ’s na bha fathast a’ leantuinn breugaireachd nan sagartan Druidheach. Their na Gàeil aig a bheil eòlas air eachdraidh, Cùildeich riù. Thàinig I Challuim-Chille gu bhi glé mheasail, cha ’n e ’mhàin aig an t-sluagh chumanta, ach mar an ceudna aig righribh ’us luchd-riaghlaidh Alba, ’s Eirinn, ’s na Frainge, dheth am bheil cuid air an adhlacadh ’s an eilean ud. Bha righrean taobh siar Alba ’dol do I gu bhi air an crùnadh a réir deas-ghnàth simplidh nan aman ud. Thug aon de na rìghrean clach phrìseil á Eirinn, ris an abradh iad, Liath-Fàil, air an suidheadh an righ òg ’an am a bhi ’g a chrùnadh. Bha gnàth-fhocal ’n am measg ge b’ e àit’ am biodh a’ chlach so gu’m biodh an sin righ de shliochd nan Sgaothach air a’ chathair. Thugadh a’ chlach an déigh sin do Sgoinne, far am b’àbhaist righrean Alba bhi air an crùnadh. Bhàsaich Callum-Cille ’na sheann duine, agus làn de làithean air an 9mh là de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 597, ’an déigh ceithir bliadhna-deug thar fhichead de ’bheatha ’chaitheamh a’ teagasg nan Alb ann ach ann an eòlas air slighe na slàinte. Bha ceangal mòr aige ri I anns an do chaith e’n leth mu dheireadh, agus an leth a b’ fheumaile d’a bheatha. Tha e air a ràdh gu’n do chuir e fàidheadaireachd mu ’n eilean sin ’an dàn mar a leanas:— “I mo chridhe, I mo ghràidh, ’An àite guth Mhanach bidh geum ba; Ach mu’n tig an saoghal gu crìch Bi’dh I mar a bha.” Thàinig a’ cheud chuid de ’n fhàidheadaireachd gu litireil gu teach o cheann fada, ’s feudaidh e bhi gu’n tig a’ chuid eile gu teach mar an ceudna ’na h-àm. Mhair eilean I mar lòchran laiste agus dealrach leis an t-soisgeul re dà cheud gu leth bliadhna ’an déigh bàis abstoil na Gàeltachd, mar theirteadh ris. Ach ’an toiseach an naoidheamh linn thàinig muir-chreachadairean Lochluinn gu taobh siar Alba le càbhlach lìonmhor, ’s bhiodh iad a’ dol air tìr ’an àite ’s an àite a thoirt leò nan uile nithe ’ghabhadh giùlan, ’s a’ losgadh thighean ’s gach gnè àirneis nach b’ urrainn iad a thoirt leò. Bha iad sud ’n am Pàganaich air nach robh eagal Dé mar nach robh urram aca do dhuine. Chaidh iad air tìr an eilean I mar anns gach eilean beag ’us mòr eile, ’s rinn iad ris a’ chollaist ’s ris an eaglais mhòir, ’s gach tigh àluinn eil’ a bh’ann mar a rinn na Babilonich air Ierusalem, fhàgail na thòrr. Na h-uile ni a ghabhadh losgadh loisgeadh iad, ’s na h-uile ni luachmhor a ghabhadh toirt air falbh thug iad leò. Tha ’n t-eilean mar sin ’na fhàsach gus an là ’n diugh. Tha tearc de luchd-àiteachaidh ann, ach “’an àite guth mhanach tha geum bà.” Tachraidh lorgan nan spùinneadairean so ruinn ’an àite ’s an àite fathast, ann ar triall tre eachdraidh na rioghachd. ALBA NA H-AON RIOGHACHD. Bha Alba air a roinn ’na trì rioghachdaibh mar a dh’ainmicheadh cheana, eadar na Sacsonaich a deas air uisge na Friù, na Pictich air an taobh ’sear ’s an ear thuath, ’s na Sgaothaich ’an Earraghàel, ’s anns na h-eileanaibh a siar. Mhair iad mar sin ré thrì ceud gu leth bliadhna an déigh do na fiùdhalaich so mu dheireadh tighinn a nall á Eirinn. Bhiodh iad sin uile gu maith tric a’ caigeadh air a’ chéile, gu h-àraidh na Sacsonaich agus na Pictich. Tha eachdraidh a’ deanamh iomradh air iomadh caonnaig fhuiltich eadar an dà bheag-rioghachd so, anns an robh an righ féin air uairibh a’ tuiteam. Ach cha robh aon aca ’deanamh uiread de lagachadh air an aon eile ’s nach robh iad le chéile a’ seasamh. Agus do bhrìgh nach robh buaidh mhaireannach sam bith a’ leantuinn nan cathan ud, ’s nach robh ’bheag de dhealachadh eadar iad ’s na blàir a bha cinn-fheadhn’ an taobh tuath ’s nan eilean a’ cur air a chéile, tha e co maith leum thairis air a’ chuid so de eachdraidh nam Picteach ’s nan Sacsonach; agus da rireadh cha bhiodh foighidin gu leòir aig a’ chuid is lionmhoire de leughadairean gu dhol troimpe ged a bhiodh i air a cur f’an comhair; tha i co troimhe-chéile ’s co neo-oideachail. Co dhiù, feudar innseadh gu bheil iomradh againn ’an eachdraidh air dà fhichead righ a bha os ceann nam Picteach a bha ’tòiseacheadh le Drius, a bh’ air a’ chathair ’n uair a thréig na Ròmhanaich Sasunn, agus a’ crìochnachadh ’s a’ bhliadhna 843. Bha rìghrean nan Sgaothach, aig an robh uachdranachd thairis air taobh ’s iar Alba, ré ùin’ fhada ro dhéigheil air rìoghachd nam Picteach a chur ris an rìoghachd aca féin, agus fadheòidh chaidh ac’ air sin a dheanamh ’s an dòigh so a leanas. Bha na creachadairean Lochlunnach air an tugadh iomradh cheana an deigh sealbh a ghabhail air cearna fharsuing de Eirinn mu dheireadh an ochdamh linn, ’s ged a chaidh moran fol’ a dhòirteadh ann a bhi feuchainn ri ’n cur air falbh, ghleidh iad an greim air an fhearann riamh, ’s tha ’n sliochd air measgachadh leis a’ chuid eile de mhuinntir Eirinn. Bha dream eile dhiubh mu ’n àm sin an déigh sealbh a ghabhail air roinn mhòr de Shasunn, agus fadheòidh thàinig saighdear ainmeil ris an abrar Cainuit, mac Suen, righ Lochluinn, gu bhi ’na righ air Sasunn. Ach ged a bha iad a’ cur cuairtean air eileanaibh ’s iar Alba, ’s ’a deanamh mòran call’ an sin, cha do chuir iad dragh sam bith air rioghachd nam Picteach an taobh ’s ear Alba gu faisg air meadhon an naoidheamh linn, ’s e sin ’s a bhliadhna 839 no 840. Bha cogadh uamhasach fuilteach eadar na Lochlunnaich ’s na Pictich a’ bhliadhna sin, anns an do thuit Uen, righ nam Picteach, agus Bran, an aon bhràthair a bh’ aige, agus mòran de àrd uaislean na dùthcha. Bha iad co mòr air an lagachadh leis a’ chogadh ’s nach b’ urrainn iad seasamh roimh nàmhaid cumhachdach sam bith eile [TD 155] [Vol. 5. No. 21. p. 3] a thigeadh orra. B’e Coinneach, ris an abradh na bàird, Coinneach Cruaidh, a bha ’na righ air taobh ’s iar Alba an uair sin. Mar is tric their luchd-eachdraidh Coinneach MacAlpinn ris. B’e Alpinn ainm ’athar. Phos Eocha, no mar their na Laidinnich, Achaius, athair Alpinn, nighean righ nam Picteach. B’e ainm an righ sin Unguis, agus ainm a nighinn, a thàinig gu bhi na ban-righ aig Achaius, Unguia. Mar so, b’ e Alpinn, rìgh nan Sgaothach, ogha rìgh nan Picteach. Bha Alpinn an dùil gu’m faigheadh e fein rioghachd a sheanar air gach aon chor, ’s gu’n robh a chòir air sin co maith ri còir fir sam bith. Ach chaidh Alpinn a mharbhadh ’s an treas bliadhna de ’rioghachadh ann an siorrachd Ara, far an deachaidh e null le àireamh shaighdearan a’ chreachadh na dùthcha. Thàinig Coinneach a mhac an sin a’ dh’ionnsuidh a’ chrùin ’s a’ bhliadhna 836. Bha Coinneach a’ tagradh còir air rioghachd nam Picteach mar a bha athair, agus air son an aon aobhair. Ach ged a bha teaghlach rioghal an taobh ’s ear nan dlù-chàirdibh dha, b’fhearr leò an rioghachd aca féin no aige-san; cha robh iad idir deònach air a dhol a mach gu esan a leigeadh a steach. Uime sin, o nach faigheadh e ’ni a bha e ’sanntachadh a dheòin, bha e deanamh air son fhaotainn air sheòl sam bith eile. A réir sin, ’n uair a chunnaic e na Lochlunnaich ’s na Pictich a’ dol am badaibh a chéile, an àit’ a dhol a chuideachadh a chàirdean, ’s ann a dh’fhuirich caomhan ’na thàmh, ged a bha fios aige nam buadhaicheadh na Lochlunnaich gu’n tigeadh iad air féin a ris. Ach biodh sin mar a bhitheadh e; b’ fhearr le Coinneach a bhi ’feitheamh an fhàth, cunnart ann no as. Agus ’n uair a chunnaic e gu’n d’fhuair na Pictich a leithid sud de dhroch-laimhseachadh o na Lochlunnaich, ged is ann leò a chaidh, rinn e air son an rioghachd aca a ghabhail dha féin gun dàil. Bha Uen ’us Bran a bhràthair, a thuit an cogadh nan Lochlunnach, agus Coinneach MacAlpinn anns na h-oghaichean. Ach cha robh e fein ’us Ured, an ath neach a ghlac an t-slat rioghail, co faisg sin air a chéile, ma bha iad idir càirdeach d’a chéile. A réir na h-uile coslais ’s e Coinneach a b’ fhearr còir air a’ chrùn na Ured, ’s cha robh na h-uaislean Pictich aindeònach air a ghabhail mar righ. Co dhiù chaidh an cumhachd rioghail a spìonadh á làimh an fhir ud agus a thoirt do Choinneach ’s a bhliadhna 843. Bha mar sin an dà rioghachd air an aonadh, agus an ùine ghoirid theireadh Sasunnaich, tir nan Scotach (Scotland) ris an rioghachd so, ga h-ainmeachadh air an taobh a fhuair àmh an uachdar. Ach theireadh Gàeil riamh o’n uair ud rithe an t-ainm a bha roimhe aice, Albainn, air a ghiorrachadh, Alba. B’e Coinneach MacAlpinn an t-ochdamh righ thar-fhichead a bh’air na Dalriadaich, no na Sgaothach, a thàinig á Eirinn le Fearghas. Bha staid nan Sgaothach ré an trì cheud ’s da fhichead bliadhna anns an do rioghaich an ochd duine fichead ud, gle choslach ri staid nam Picteach féin, agus feudaidh sinn am fàgail as ar déigh leis a’ bheagan a chaidh a radh mu’n timchioll cheana. Ged a fhuair Coinneach MacAlpinn barrachd cumhachd air na bha roimh’ aige, cha d’ fhuair e barrachd sìth. Bha na Lochlunnaich air fàs ro dhana ’na là-san leis an tomhas de shoirbheachadh air an d’ ràinig iad ’an Eirinn ’s an Sasunn. Tha eachdraidh a’ deanamh iomradh air iomadh ’us iomadh còmhrag a bh’ aige féin ’s aig a shliochd air rìgh-chathair Alba ris a’ phlàigh sgriosaich ud a bha tonn air thonn a’ tighinn á Lochlunn a tuath ’s a deas. Theirear Norainnich (Norsemen) ris na Lochlunnaich a tuàth. Ghabh iad sealbh air Sealtainn ’us Arcu, agus air an àireamh is mo de na h-eileanan a ’s iar, a chum iad aca féin ré uin’ fhada. ’S ann air son na h-eileanan so ’bhi fo riaghladh nan Norainneach a thugadh Innse-Gall orra, an t-ainm a tha aig na Gàeil dheasach ’s na Mòr-thirich orra gus an diugh. Gall, a’ ciallachadh coigreach, Innse-Gall, eileanan nan coigreach. Cha b’e mhàin gu ’n robh na creachadairean ud a’ toirt leò an airgid ’s na spréidhe, bha iad a’ toirt ’nan daoine leò mar thràillibh. Bha margaidhean ’an Lochlunn ’s an robh iad a’ reic ’s a ceannach nam braighdean a thngadh as na h-eileanaibh Breatunnach air an aon dòigh ’s an robh na daoine dubh’ air an reic ’an Stàitibh Deas America o cheann ghoirid. ’S e aon chrann a bhiodh ’s na luingeas aca, agus aon seòl mor ceithir chearnach, ni-eigin coslach ri siùil nan sgothan iasgaich ’s na h-eileanaibh a ’s iar. ’S maith a dh’ aithnicheadh luchd-àiteachaidh oirthir a’s iar ’s a ’s ear Alba an càbhlach a bha’n sud ’le ’n ’cloiginn ghreannach, coslach ri ceann dràgoin, le beul fosgailte, ’s an toiseach mar uchd geòigh air an t-snàmh co fada mach ri’ ghob, ’s dà adhairc fhada, bhiorach iaruinn a mach as an uchd sin beagan os ceann an uisge, gu bhi tolladh nan soithichean a thigeadh a chòmhrag riù; còrr is fichead ràmh fada, laidir a mach as gach taobh dhiubh leis an robh iad ga’n iomradh—iomradh còmladh, agus an deireadh ag éiridh suas gu carraigeach, cuaicheanach, coslach ri earball nathrach, ni b’ àirde na ceann an stiùireadair. Thug iad an oidhirp air righ a chur suas os ceann nan eilean ’s a chuid de’n mhòr-thir air an do ghabh iad sealbh car uine ghoirid, mar a bha Gall-thaobh ’us Cataobh, pàirt de shiorrachd Rois, agus an taobh Muireach. Ach ma chuir iadsan rìgh suas, cha b’ fhada gus an do chuireadh sìos e. Cha do leig righ Coinneach agus an fheadhainn a lean e air a chaithir, tàmh no fois leò gus an d’ fhuadaich iad air falbh o thir-mòr Alba gu h-iomlan iad. Ghléidh iad na h-eileana ni b’ fhaide. A thaobh an dragh a bha na Norannaich a’ cur air righribh Alba ’s an àm so, cha b’ urrainn iad a’ chrioch Albannach a chur ni b’ fhaide deas na bha i o shean; b’e sin uisge na Friù ’us bun amhainn Chluaidh. Chithear an déigh so cionnus a bha dol dhoibh air an làimh sin. Bhàsaich righ Coinneach ann an Fortelist, àrd-bhaile na rioghachd air an t-seathamh là de cheud mhios an earraich ’s a’ bhliadhna 859 an treas bliadhna fichead d’a rioghachadh, seachd bliadhna air taobh ’s iar Alba, agus a tri-deug air Alba tuath gu h-iomlan. Dh’ fhàg Coinneach mac da ’m b’ainm Constantin, ’us nighean da ’m b’ainm Maol-Muire—ach ghlac a bhràthair, Domhull Bàn MacAlpinn an crùn an déigh a bhàis.— Eachdraidh na h-Alba. EILEAN NORFOLK. Cha mhor dhùthchannan air an t-saoghal anns nach eil sluagh eòlach air giuthas Eilean Norfolk, ach cia meud a smaoinich riamh a cheist a chur, Càite ’bheil Eilean Norfolk, agus ciod a ghnè sluaigh a tha ’còmhnuidh air? ’S e a cheist sin a fhreagairt a tha ’san amharc an àm a bhi sgriobhadh na h-eachdraidh so. Tha Eilean Norfolk anns na cuaintean a deas, mu cheithir cheud mile bho New Zealand, agus mu naoidh ceud mile bho Astralia. Tha e coig mile a dh’ fhad, tri mile a leud, agus tha dlùth air aona mile deug acaire fearainn ann. Tha e air a chuartachadh le ballachan creige, ris am bheil na tuinn a ghnàth a’ bualadh gu garg. Tha an grunnd cnocach agus torrach; tha iomadh seòrsa a fàs ann, agus ’nam measg tha na craobhan mora giuthais air an d’ thugadh iomradh cheana. Fhuair Caiptean Cook an t-eilean o chionn sia fichead bliadhna ’sa h-aon air ais; agus seachdain an deigh do Bhotany Bay a bhi air àiteach ’sa bhliadhna 1788 bha buidheann bheag de na ciomaich a bh’ air am fògradh ann air an cur gu Eilean Norfolk. Cha robh ann dhiubh ach naodhnar fhirionnach agus sianar bhoirionnach, maille ri naodhnar oifigeach. Chaidh iad air ball a dh’ obair air àr na talamhainn, agus shoirbhich leotha gu ro-mhath. Uair us uair an deigh sin, shàbhaileadh iadsan a bha air am fàgail ann am Botany Bay o’n bhàs le soithichean an ruigheachd luchdaichte le criothnachd, buntata, agus biadh eile as an eilean bheag so. Bho àm gu àm bha buidhnean beaga de chiomaich air an cur a nall á Astralia, gus, anns a bhliadhna 1793, an robh an sluagh ag àireamh mile agus ochd pearsa. Anns a’ bhliadhna sin, bha da mhile buiseal cruithneachd, leth-cheud tunna buntata, agus roinn mhath de sheòrsachan eile bidh air an togail. Anns a bhliadhna 1803 thainig òrdugh o’n Riaghladh Bhreatunnach gu’m biodh an t-eilean air a thréigsinn. Bha a’ chuid bu mhotha dhe’n t-sluagh an deigh an ùine chur a stigh air aon cionnta eigin agus bha an riaghladh a’ meas gu’m biodh iad nan daoine gle fhreagarrach air son fearainn a thogail air tir-mor Astralia, no an Tasmania. Bha fearainn air an thairgse dhaibh anns na Air a leantuinn air taobh 158. [TD 156] [Vol. 5. No. 21. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, NOBHEMBER 28, 1896. Thatar a deanamh moran siucair air beets anns a Ghearmailt, agus o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, bha riaghladh na dùthcha sin a pàigheadh suim àraidh do luchd-deanamh an t-siucair air son a h-uile punnd a reiceadh iad ann an dùthchannan céin. ’S e bh’ ann gu robh mòran siùcair ’ga chur do dhùthchannan eile, agus a chuid bu mhò dhe a dol do Bhreatuiun. Ach fhuair na Gearmailtich a mach o chionn ghoirid gu robhas a reic an t-siùcair sin moran na bu shaoire ann am Breatuinn na bhathas ’ga reic ’sa Ghearmailt fhéin: gur ann a bha iadsan a pàigheadh moran bhounty air son siùcar saor a chumail ri muinntir Bhreatuinn. Cha bhi iad ris moran na’s fhaide; ach nach iongantach na h-iomrallan a ni daoine, eadhon daoine tha air am meas nan daoine glice. Cha’n eil ach beagan sheachdainean o’n bha Li Hung Chang air chuairt anns an Roinn-Eòrpa, agus ann an America. Fhad ’sa bha e air a chuairt bu toil leis gach duine, iseal us uasal, urram a chur air mar àrd-theachdaire o Shina, an dùthaich a’s sine eachdraidh de dhùthchannan na h-àirde ’n ear air fad. Ach air dha an tigh a ruigheachd tha e coltach nach do chuireadh urram sam bith air. Thionndaidh an teaghlach rioghail, d’ an robh e ’na sheirbheiseach cho dileas, ’na aghaidh, agus tha fathunn a nis air tighinn gu bheil e dol a leigeil a dhreuchd uaithe, ’s a’ dol a chur a chuid eile de làithean seachad mar dhuine aig nach robh gnothuch ri cùisean-riaghlaidh rioghachd riamh. Cha’n eil ann an urram agus an onair ach nithean a tha gle chaochlaideach. Ghleidh boirionnach anns na Stàitean coig mile dolair ann an geall gu’m biodh Mc-Kinley air a thaghadh, agus a nise tha i roinn an airgeid sin air na bochdan. Na ’n deanadh luchd nan geall mar sin daonnan, theagamh nach biodhte ’g radh na h-uiread ’nan aghaidh. Tha e air a radh gu bheil fear de lighichean fòghluimte na Roinn-Eorpa an deigh leigheas fhaotainn do’n luibhre. A lion beagan us beagan, thatar a’ faotainn buaidh air na h-euslaintean a’s marbhtaiche, agus cha’n fhada gus am bi beatha ’n duine moran na’s cinntiche na tha i. Cha robh dùil o chionn bliadhna no dha air ais gu robh dòigh ann air an gabhadh an luibhre leigheas, ach tha e niso coltach gu bheil. Thatar a’ feuchainn o chionn iomadh bliadhna ri leigheas fhaotainn do’n chaitheamh agus ged nach d’ fhuaireadh e fhathast, tha dòchas laidir aig an fheadhain a’s fhearr fios nach fhada gus am bi e air fhaotainn. Tha aig na Sineich air réir coltais n fuireach aig an tigh, air neo paigheadh gu daor air son cead falbh. Tha na Stàitean an deigh na dorsan a dhùnadh orra o chionn àireamh bhliadhnaichean, tha Canada a toirt air gach aon dhiubh a thig air a criochan-se leth-cheud dolair a phàigheadh, agus tha sinn a’ leughadh gu bheil pàrlamaid New Zealand an deigh bacail dhaibh tigh’n dh’ an dùthaich sin idir. Cha’n eil teagamh nach eil na Siniech gle dhraghail, ach ’s gann gu bheilear a déiligeadh riutha cho math ’s bu chòir. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Gheibh thu e gu deireadh na h-ath bhliadhna air son dolair. Bu chòir do gach duine, bean, us pàisde a leughas Gàilig a bhi ’ga ghabhail. Cuir ’ga iarraidh ma ta gun dàil ’s cha bhi ’n t-aithreachas ort. A Malagawatch. Bha an t-àite so air àiteach le Gaidheil a thainig a nall á Alba, agus ged a tha iadsan air a dhol an taobh a theid na h-uile bheò, tha an sliochd a’ còmhnuidh ’nan àite, agus tha gach ni a’ dol air adhart mar ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh. Tha a Ghàilig air a labhairt ’s air a searmonachadh cho math ris a Bheurla. Tha ministeir suidhichte againn an dràsda, an t-Urr. Maighstir Ròs, a bha aon uair ann am paraisde Hogomah. Tha e ’na shearmonaiche math, agus gle dhichiollach ann a bhi taghal nan teaghlaichean a tha air a chùram. Tha sinn a guidhe soirbheachadh math leis. Tha MAC-TALLA ’gar ruigheachd uair ’san t-seachdain riamh o’n thòisich e air tigh’n a mach an toiseach, agus tha e gle mheasail againn. ’Se gle bheag Gàilig a leughainn fhin ’nuair thainig e ’n toiseach, ach an diugh cha’n eil ach gann facal ann nach leugh mi. Tha guth an turtuir ri chluinntinn anns an tir, agus cha ruig duine leas a bhi ’na fhàidh gus fhaicinn gu bheil gluasad am measg “chnamhan tiorma,” ach tha moran ann a tha deanamh tàire air latha nan cothroman, ni a tha air a dhearbhadh leis an àireamh mhor chaileagan a tha air a dhol air ais do na Stàitean. Ach tha sinn toilichte fhaicinn gu bheil cuid air fàs sgith a fuireach leotha fhéin. GILLE. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 157] [Vol. 5. No. 21. p. 5] NAIDHEACHDAN. Rinn dithis dhaoine ann an Sidni Tuath iomlaid each o chionn ghoirid, agus beagan ùine ’n deigh dhaibh sin a dheanamh, bhàsaich an da each. A sheachdain gus an dé bha Mr. Laurier leth-cheud bliadhna ’sa cóig a dh’ aois. Rugadh e ann an St. Lin, an Cuibeic, air an 20mh latha dhe ’n gheamhradh, ’sa bhliadhna 1840. Bha stoirmeannan sneachda agus tuiltean aca ann an Columbia Bhreatunnach air an t-seachdain s’a chaidh. Bha na carbaid-iaruinn air an cumail air ais gu mor leis cho doribh ’sa bha ’n t-side. B’e Dior-daoin s’a chaidh Latha Taingealachd. Bha na stòraichean uile dùinte, agus bha seirbheis ann an tri de na h-eaglaisean. Bha na Methodaich, na Baistich, agus na Presbyterianaich ann an eaglais St. Andrews. Bha beagan sneachd againn toiseach na seachdain, agus fad latha no dha bha na sleigheachan gle shiùbhlach. Ach thug an t-uisge ’s am blàths air falbh e, agus tha aig daoine ri ’n cuid siubhail a dheanamh le carbadan, air neo fuireach aig an tigh. Bha iasgach an rionnaich air an fhoghar so glé fhad air ais ann an Ceap Breatunn, agus tha iadsan a bha ’g earbsa ris air son teachd-an-tir air am fagail ann an droch shuidheachadh. Tha moran theaghlaichean timchioll air Arichat ’s air St. Peter’s aig nach eil ma seach na bheir troimh ’n gheamhradh iad. Cha’n eil, a reir colthais, teagamh sam bith nach eil lathaichean matha a’ dol a thigh’nn air Loch Ainslie. Thatar a’ cur mu dheibhinn tòiseachadh air tolladh air son na h-olla m’a timchioll aon uair eile. Bha duine á Boston a bhos o chionn ghoirid, agus thug e leis pàirt dhe’n stuth a bhatar a faotainn anns na tobraichean a chaidh a chladhach o chionn fada, agus ma theid a dhearbhadh gu bheil e cho math ’s a tha esan an dùil cuirear an obair air adhart gun dàil. Bha eas mor Niagara, riamh o’n fhuaireadh e an toiseach, ’na ioghnadh do’n t-raoghal, air son a mhaise ’s a mhoralachd nàdurra, ach cha d’ thugadh ionnsuidh riamh air a chur gu feum dhaoine gus am bliadhna. Ach a nise thatar ’ga ùisinneachadh air son electricity a dheanamh, agus tha ’n t-eas an diugh a’ cur air obair nan innealan a tha ’cumail soluis ri baile Bhuffalo, a tha seachd mile fichead uaithe, agus an ùine gun bhi fada bithear a cur carbadan-sràide a bhaile sin air falbh leis. Chuir duine ann an Annapolis, N. S., air falbh ochd barailtean deuga de dh’ ùbhlan matha do Bhoston, agus cha d’ fhuair e air an son ach ceithir dolair gu leth. Chosg na barailtean ’s an cur air falbh còrr us naodh dolair dha, agus tha e mar sin a dhith nan ùbhlan agus còrr us coig dolair de dh’ airgead. Tha e air a radh gu’n do chuir duin’ eile coig ceud barailte do Shasuinn, agus nach d’ fhuair e ach aon leth-dolair air chùl na phàigh an cosguis a null. A reir colthais cha robh moran buannachd anns na h-ùbhlan air an fhoghar so idir. Cha’n fhada nise gus am bi Nollaig us Bliadhn Ur a teannadh oirnn, agus mu’n àm sin de ’n bhliadhna bi’dh daoine a tòiseachadh air a bhi cridheil, sunndach. Tha sinn an dòchas co-dhiu nach teid iad cho fad air adhart le ’n cridhealas ’s gu’n dean iad dearmad air an càirdean—MAC-TALLA measg chàch. Air eagal gu’n dean iad sin ’s coir dhaibhsan a tha ’dol a chur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA as ùr, no a tha ’dol ’ga phàigheadh air son bliadhn’ eile, an gnothuch sin a dheanamh gun dàil. Bidh sinn a sealltuinn a mach air son an t-seòrsa sin na h-uile latha. Iadsan a tha ’gabhail MHIC-TALLA cheana, ’s aig am bheil e pàighte, cha ruig iad a leas so a leughadh idir. Tha tri bocsaichean-litreach ri bhi air an cur suas anns a’ bhaile, air son gu’m bi e na’s fhusa dhaibhsan a tha fada bho’n oifis litir a chur air falbh. Tha aig Comhairle a bhaile ri radh càite ’n teid an cur. ’S fhada o’n bha ’m baile feumach orra. Bha a choinneamh bhliadhnail aig a’ Chomunn Chaledòineach oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha na h-oifigich a bh’aca air a bhliadhna s’a chaidh air an cur a stigh a rithist. Tha dinneir gu bhi aca oidhche Di-luain s’a tighinn, latha Naomh Andrais. Chaidh seachd ceud us sia mile, ceithir cheud us seachd (706,407) tunna guail a chur suas Amhuinn St. Lawrence á Nobha Scotia ’s à Ceap Breatunn air a’ bhliadhna so. Tha so gle fhaisg air tri fichead us deich mile tunna a bharrachd air na chuireadh suas an uiridh. Chaidh tri maidean mora giuthais a thoirt a nall á Columbia Bhreatunnach o chionn ghoirid. Tha iad tri fichead troigh ’sa deich a dh’ fhad, agus mu thri throighean trompa. Chaidh an toirt air rathad-iaruinn gu Cuibeic, agus as a sin gu Portland, am Maine, as deigh bàta-smùide. ’S fhiach na maidean tri cheud deug dolair am fear. Tha soitheach ùr a nise ruith eadar Pictou agus Baile-Shearlot, an àite na St. Lawrence a bha air an astar sin o chionn àireamh bhliadhnaichean. Chaidh a togail ann an Alba, agus tha i ochd fichead troigh ’sa coig a dh’ fhad, agus ni i tri mile deug gu leth ’san uair. ’S e ’s ainm dhi am Princess. Rainig i Baile-Shearlot a sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh. Chaidh boirionnach òg gu pears-eaglais ann a’ Halifacs aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, gu bhi air a pòsadh, ach ged a thainig ise ’s a cairdean cha d’ thainig fear-na-bainnse air lom idir, agus cha deach am pòsadh a dheanamh fhathast. Cha d’ fhuaireadh sgeul air an fhear ris an robh iad a feitheamh o’n uair sin. ’S e ’s dòcha gu’n d’ fhag e ’n dùthaich. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil an t-òr gu math pailt ann an Cheticamp. Tha gach duine ’s urrainn a feuchainn ri lease a thoirt a mach ann, agus cha mhor gu bheil acaire fearainn nach eil air a ghabhail mar sin cheana. Thairg cuideachd ann an Lunnainn tri fichead mile dolair do aon duine air son a chòir, agus cha chuala sinn gu’n do ghabhadh an tairgse. ’S math an gnothuch sin, ma mhaireas e. Tha na robairean a’ fàs gle dhalma ann an Vancouver. B. C. Bha mu fhichead duine air an stad leotha o chionn ghoirid ’s air an spuinneadh de na bha dh’ airgead air an siubhal. Chuir aon duine ’nan aghaidh, agus chaidh losgadh air. Tha sinn an dòchas nach leigear leis an obair ud a dhol na’s fhaide air adhart. Tha e dona gu leòr a leithid a bhi tachairt anns na Stàitean, gun iad a thòiseachadh air ann an Canada. Chaidh duin’ òg d’ am b’ ainm Iain Buchanan, mac do Thearlach Buchanan, ann an Sidni Tuath, a mharbhadh a sheachdain gus an raoir, le tuiteam do sheileir na stòr anns an robh e ’g obair còmhla ri athair. Bha e leis fhein aig an àm. Tha e coltach gu robh e dol sios dh’ an t-seileir; bha an staidhear gle chas agus thuit e ’n comhair a chinn. Bha e beò gu sia uairean an ath latha, ach bha e gun chainnt. Cha robh e ach seachd bliadhna fichead a dh’ aois. POSAIDHEAN. Air an 17mh latha de’n mhios, leis an Urr. D. Drummond, an tigh Iain Mhic Griogair, ’sa Bhras d’Or Bheag, Iain B. Mac Coinnich, Boulardarie Centre, us Willina, nighean Ruairidh Fhriseil nach maireann, Aiseag an Rosaich. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 158] [Vol. 5. No. 21. p. 6] Air a leantuinn o thaobh 155. h-àiteachan sin a bha cheart cho math ris na fearainn a bha iad a’ fàgail; ach bha iad cho aindeonach air falbh o’n àite ’s an do chuir iad seachad bliadhnaichean cho sona ’s gu’m b’fheudar an co-éigneachadh; agus cha robh an t-eilean air fhàgail gu buileach leotha gu ceann thri bliadhna. Fad fhichead bliadhna an deigh so bha an t-eilean a’ dol fàs. A’ sealltuinn air ais o’n latha ’n diugh, cuiridh e iongantas air neach gu’n rachadh na daoine bochda a chur dh’ an aindeoin as an àite ’san robh iad an deigh an dachaidh a dheanamh. Shoirbhich le moran dhiubh ann an Tasmania ’s an Astralia an deigh sin; ach thill moran eile gu’n dòighean olca rithist, agus bha ’n t-aite sin a bha mar ghàradh torach anns na cuaintean garbha air fhàgail ’na àite fàsail, fiadhaich. Anns a’ bhliadhna 1826, rinneadh an t-eilean ’na àite-fògraidh do luchd-droch-bheart a gheibhte cionntach ann an New South Wales. Bhiodh priosanaich a gheibhte cionntach ann am Breatuinn air am fògradh gu New South Wales, agus iadsan a gheibhte cionntach de chron sam bith anns an àite sin, bhiodh iad air am fògradh gu Eilean Norfolk. Bha na h-ochd bliadhn’ deug a lean ’nam bliadhnaichean uamhasach. Bha an t-eilean na chulaidh-ghràin do’n t-saoghal. B’ fhearr gu mor am bàs fhulang na bhi beò ann. Thug Dr. Ullathorne, sagart Caitliceach, a fhuair an deigh sin a bhi na easbuig ann am Birmingham, an Sasuinn, sgriob dh’an eilein an cùrsa ’dhleasanais. Bha ceannairc air bristeadh a mach anns ’n do mharbhadh naodhnar dhe na ceannaircich, agus bha binn-bhàis air a thoirt a mach air naodh duine fichead. Chaidh aon duine deug as na naodh air fhichead sin a chur gu bàs. “Bha ’n naodh duine fichead so,” arsa Dr. Ullathorne, “anns a’ phriosan. Leugh mise mach dhaibh ainmean nan daoine a bha ri bhi air an cur gu bàs. Thug gach fear dhiubh, á beul a chéile, taing do Dhia. Rinn gach aingidheachd a bhatar a’ cur an gniomh an so deamhnan de dhaoine. Bhiodh daoine a’ cur chrann a dh’ fhiachainn co am fear a mharbhadh am fear eile. Bha ’m Breitheamh Burton air ceann aon chùirt aig an robh ceud us deich air fhichead càs moirt air am feuchainn. Bha an t-eilean beag so a bha fad ochd bliadhn deug a mealtuinn uiread de shith ’s de shonas ’s gu’m bu mhiann le daoine an dachaidh a dheanamh ann, agus as am b’ fheudar am fògradh le laimh làidir, anns na h-ochd bliadhn’ deug mu dheireadh so air fàs ’na àit oillteil anns an robh gach droch-bheart agus gach aingidheachd air an cur an gniomh. Agus b’e ’n aon seòrsa dhaoine a bha ’ga àiteach aig gach àm, ni a tha ’nochdadh an atharrachaidh a bheir an dòigh aìr am bithear a riaghladh sluaigh air an caithe-beatha. Anns a bhliadhna 1844 bha ’n t-eilean air fhuasgladh bho riaghladh New South Wales, agus air a chur a stigh ri Tasmania; ach naodh bliadhna an deigh sin, nuair a sguireadh a dh’ fhògradh chiomach gu Tasmania, chaidh am beagan sluaigh a bh’ air a thoirt air falbh, agus aon uair eile bha dachaidh nan craobhan mora giuthais ’na fhàsach. Ach air an turus so cha robh e fada gun a bhi air a thaghal a rithist. Mu’n àm a chaidh a cheud bhuidhean a chur gu Eilean Norfolk dh’ fheuch am b’ urrainn daibh dachaidh a dheanamh ann, sheòl am Bounty, soitheach armaichte fo chomannda Chaiptein Uilleam Bligh, a Olaheite luchdaichte le craobhan-arain, agus air do na seòladairean àr-am-mach a dheanamh, ghlac iad an soitheach dhaibh féin. Chaidh an caiptean agus ochd duine deug eile a chur ann am bàta fosgailte agus dh’fhàgadh iad a mach air druim a chuain. Chaidh an soitheach an deigh sin a losgadh agus rugadh air aireamh de na seòladairean ’s chuireadh gu bàs iad; ach fhuair naodhnar dhiubh teicheadh, agus rinn iad an dachaidh air eilean Phitcairn, far an d’ fhuaireadh an sliochd fichead bliadhna ’n deigh sin, ’s iad ceud ’s ceithir fichead sa h-ochd deug an àireamh—ceithir fichead ’sa sia deug de dh’ fhirionnaich, agus ceud ’sa dha de bhoirionnaich. An deigh do Thasmania a cuid phriosanach a thoirt bhar Eilean Norfolk, chuireadh mu dheibhinn sliochd uan seòladairean a dh’ aitich eilean Phitcairn a chur nan àite; agus an ceann thri bliadhna bha sin deante, agus chuireadh an t-eilean aon uair eile air chùram Riaghladh New South Wales. Bha àithne air a thoirt do Riaghladair na dùthcha sin leigeadh leis an t-sluagh an dòigh fhéin a ghabhail a thaobh riaghladh an eilein. Chaidh sin a dheanamh, agus rinn an Riaghladair e-fhéin gach cuideachadh a b’ urrainn da a dheanamh leotha. Chaidh laghannan agus reachdan riaghlaidh a dheanamh dhaibh a bha ann an cuid de nithean air thoiseach air laghannan nan dùthchannan a b’ adhartaiche air an t-saoghal. Bha bhót ri bhi aig gach neach a bha bliadhn’ air fhichead a dh’ aois, agus a bha comasach air leughadh us sgriobhadh a dheanamh. Bha aig pàrantan ri ’n cuid cloinne a chumail ’san sgoil air-neo sia sgillinn a phàigheadh airson gach latha fhiodh aon diubh aisde—bha an t-airgead a chuirte cruinn mar sin ri dhol a dh’ionnsuidh a mhaighstir-sgoile, a bha air chùl sin a faotainn deich tasdain ’sa bhliadhna air son gach neach a bha ’n aois sgoile san sgireachd aige. Bha e air a bhacail deoch làidir de sheòrsa sam bith a dheanamh no òl ach a mhàin air son leigheis, agus na’n rachadh ionnsuidh a thoirt air an stuth a thoirt ann thar cuain, bha e ri bhi air a ghlacadh ’s air a dhortadh dh’ an acarsaid. A reir coltais fhreagair na riaghailtean sin gle mhath air suidheachadh an eilean agus air nàdur an t-sluaigh, oir thainig adhartas math orra. Tha ’n sluagh a nise ’g àireamh seachd ceud gu leth. An toiseach bha iadsan a bha pòsda agus iadsan nach robh a faotainn an aon uiread fearainn; ach an nise cha’n fhaigh iadsan nach eil pòsda ach da acaire dheug gu leth, ’nuair a gheibh iadsan a tha pòsda còig acraichean fichead; agus duine sam bith aig am bi fearann ’s nach dean obrachadh ’s a chur am feabhas na h-uile bhladhna, theid a thoirt uaithe. A bharrachd air an t-sluagh a dh’ ainmicheadh, tha air an eilean da cheud de nàisinnich nan eileanan mu’n cuaiat, ach tha gnothuichean an eilein air an cur air adhart gun suim sam bith a ghabhail dhiubh sin. Tha aig an ard-fhear-ceartais da chomhairleach; agus tha jury de sheachdnar eildearan (no seanairean), a dh’ fheumas a bhi os cionn coig bliadhna fichead a dh’ aois, air son breith a thoirt air cùisean a thig air am beulaobh. O chionn da bhliadhn’ air ais, chuireadh Breitheamh á New South Wales dh’ ionnsuidh an eilenn a dh’ fheuchainn da chàs chudthromach. Cha robh air an eilean aig an àm sin ach aon mhaor, agus cha robh priosan ann idir. Bha aig a bhreitheamh ri nighean a chur do’n phriosan fad shia miosan, agus ’se b’ fheudar dha dheanamh a cur do thigh tuathanaich, far an robh i ri bhi air a cumail aig obair air an latha agus air a glasadh ann an rùm ré na h-oidhche. So, ma ta, eachdraidh ghoirid air an eilean bheag iongantach ud a tha anns a chuan a deas. Cha’n eil duine bochd ann idir; cha’n eil duin’ ann gun obair no air am bheil acras. Tha gach acaire fearainn air a chur gu feum. Tha gach biadh a’s feumaile a’ fàs ann gu pailt. Cha’n eil gleadhraich no ùpraid an t-saoghail a cur dragh sam bith orra. Tha iad air uairean ag gearain nach eil uiread dhe sin aca ’s bu mhath leotha, agus air son riarachadh a thoirt dhaibh ’san dòigh sin, chunnaic Riaghladh Bhreatuinn iomchuidh gun taghladh bàta-smùide anns an eilean uair ’san ràidhe. Theagamh gu’m bi sin na mheahon air beatha shimplidh nan Eileanach a dheanamh na’s toilichte. Bidh sinn co-dhiu an dòchas nach ann a’ fàs mi-thoilichte a bhitheas iad air tàilleabh a bhi mar so air an toirt na’s dlùithe air a chuid eile dhe’n t-saoghal.—Chambers’ Journal A FAIGHINN EOLAIS.—Chaidh Eirionnach beag ruadh, ’s piob ’na bheul, a stigh do thigh òsda, ghabh e null dh’ ionnsuidh a chunntair, thog e maidse leis ’n do las e a phiob, agus dh’ fhalbh e gun fhacal a radh. Bha àireamh dhaoine a stigh aig an àm agus cha bu bheag an t-ioghnadh a chuir e orra. An la ’r na mhàireach thainig a cheart fhear a stigh a rithist, las e phiob ’s dh’ fhalbh e. Mu’n d’ rainig e ’n dorus dh’ eibh fear an taigh-òsda as a dheigh, a’ feòrach có e. “’S math is aithne dhuit mi,” ars an t-Eirionnach ’se togail rithe. Chuir fear an taigh-òsda roimhe nach leigeadh e ’n gnothuch na b’ fhaide air adhart, agus air do’n Eirionnach tighinn an ath latha rithist, leum e null g’ a ionnsuidh ’s rinn e greim air. “Nis,” ars esan, ‘innis dhòmhsa co thu.” “Och,” ars an t-Eirionnach, “bi falbh; ’s math is aithne dhuit mi.” “Cha’n aithne,” ars am fear eile; “Co thu?” “A mhic mo chridhe,” ars an t-Eirionnach, “nach eil thu ’g an aithneachadh idir? ’S mise ’m fear a tha tighinn a stigh na h-uile maduinn a lasadh na pioba.” [TD 159] [Vol. 5. No. 21. p. 7] Amaideachd agus Neo-bhuannachd na Feirge. Tha e nàdurra do mhac an duine Fearg a ghabhail, agus cha’n ’eil teagamh nach ’eil na Gàidheil ceart co buailteach do dh’ fheirg ri sluagh sam bith eile. Ach theireamaid ris gach Gàidheal, “Na gabh uair air bith fearg.” Direach, smuainich air, agus chith thu nach ’eil corruich no fearg a chum maith sam bith. Cha’n ’eil tlachd no buannachd ann. Gun ghuth a thoirt gu’m bheil fearg na ni a tha air a thoirmeasg le Facal Dé, cha’n ’eil e chum féum ann an co’-claomunn sam bith. Tha e ’deanamh an duine ’na amdan, a gabhail uachdaranachd thairis air a réusan, agus a’ toirt na tuigse aige gu buileach air falbh. Is ni gun leisgeul fearg. Tha cuid de pheacannaibh ann aig am bheil samhlachas leisgeil, no seòrsa toilinntinn ’s an am a ta làthair, ach cha’n ’eil sin idir aig feirg. Cosmhuil ri mionnan agus ri toirt ainm Dhé an diomhanas, cha’n ’eil fearg chum feobhais no buannachd do dhuine sam bith. Is claoidh agus is dòrùinn i do gach neach air am faigh i buaidh. An uair a théid ànradh na corruich seachad, an sin chith an duine gur amadan e fein, agus gu’n d’rinn e e-fein ’na amadan ann an sùilibh sluaigh eile mu’n cuairt da. Co e an ti sin aig am bheil spéis do dhuine crosda, frionasach, iargaltach,—duine nach dùraig neach dol ’na char, agus nach urrainn neach sam bith a thoileachadh? Cò a roghnaicheadh e mar chompanach ann an gnothuichibh saoghalta, no eadhon mar choimhearsnach, nan gabhadh e seachnadh? Tha e ’na chùis-ghràine do gach neach mu’n cuairt da, agus ag cumail nan uile a thig ’na fhochair, anns a’ cheart staid inntinn sin anns am biodh iad ’n am doibh a bhi ’nan suidhe am fagus do nead nan connspeach, no do gharaidh nan uile-bheist! Cha’n ’eil duine feargach chum math sam bith do’n t-saoghal, cha’n e nach féud e maith a dheanamh air amannaibh, ach tha ’m maith sin air a chomh-chothromachadh leis an olc dhe’m bheil e cionntach. Le feirg tha’n duine air a thruailleadh, tha feartan na h-inntinn aige air am milleadh, agus tha e, eadar bhun agus bhàrr air fhàgail éucomasach air eadhon a ghniomhara saoghalta fein a ghiùlan air an aghaidh gu fraegarrach. Tha fearg ’ga dheanamh gu tric ’na chulaidh-bhuairidh, agus ’na chaor-theine a ta ’fadadh lasraichean na h-aimhreite air gach taobh mu’n cuairt da. Is tric tha cas-fhearga’ tarruing an duine gu gniomhara maslachail agus mìllteach a dheanamh. Nach minic a thug fearg air duine a làmhan a dheargadh le fuil neo-chionntach an ti a bha na chuspair d’ a chorruich? Nach tric a thuit e ann an cionnt, le neart corruich, a tharruing e gu bhi ’na chreich mhulladaich do laghannaibh a dhùthcha fein? Nach minic, ann am buillsgean na feirge a chuir fear-pòsda a bhean féin gu bàs cabhagach, agus a dh’fhàg e a chlann féin gun mhàthair? “Marbhaidh fearg an t-amaideach, agus bheir tnù bàs an duine shuaraich.” Is cunnartach olc am ball an duine feargach ann an cuideachd sam bith, agus is mòr an t-aobhar a th-ann air là buidheachais a dheanamh dhe’n là sin air an toirear air falbh i. Uime sin gabhadh gach neach a léughas na briathra so comhairle Dhàibhidh, an uair a thubhairt e “Leig fearg dhïot, agus tréig corruich; na biodh campar ort air aon chor, chum uilc.” Agus thubhairt an duine glic, “Is an-iochdmhor corruich, agus mar thuil tha fearg: ach co is urrainn seasamh am fiannis tnù?”Agus tha Solamh ’gad chomhairleachadh, a leughadair, ag radh, “Na dean suas càirdeas ris an fheargach: agus maille ri fear na h-àrd chorruich na h-imich; air eagal gu’n ionnsuich thu a shlighean, agus gu’m faigh thu ribe do t-anam.” Faiceadh na h-uile, ma ta, amaideachd agus neo-bhuannachd na feirge. Ma tha e air a dhearbhadh le facal Dé, agus le eachdraidh an t-saoghail, gu’m bheìl fearg gun fhéum, gun stà, gun leisgeul, agus a thuilleadh air sin, gu’m bheil e sgriosach, gràineil, agus mìllteach, carson a tha e idir air a chleachdadh leò-san air an do bhuilicheadh ciall agus tuigse? Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. [TD 160] [Vol. 5. No. 21. p. 8] Facal a S. W. Margaree. Gheibh thu dolair airson a MHIC-TALLA an cois na litir so. ’S fhada bho’n bu chòir dhut fhaighinn. Bithidh dolair ri chur an sud ’s bithidh dolair ri chur an so, agus bithidh dolair ri chur an diugh far nach do smaointich sinn an dé; mar so faodaidh e bhith gur e am fear bu chòir a phàigheadh an toiseach a theid fhàgail gu deireadh, oir ’s mor a ni cion a chothrom,—cuiridh e, air uairibh eadhon eadar am bard agus a leannan, mar a dh’ fhiosraich Donnacha Bàn ’nuair a thuirt e:— “’S e ’m fath mu’n robh thu talach orm, Gu ro-bheag leal mo stòras Bha dà-rud-dheug a tarruinn bhuam Na thionail mi de phòrsan: Bhiodh ól a’s féisd a’s banais ann, Bha ceòl a’s béus a’s ceannaichean, ’N fhéill ’s na gibhtean leannanachd, An amaideachd ’s an òige.” Phòs, o chionn ghoirid, Iain G. Peutan, Mabou, agus Caorstaidh Nic Illeòlain, Camus (Broad Cove). Bha banais ghreadhnach, aighearrach aca dha ’n d’ rinneadh an t-òran a leanas le fear de na bh’ anns a’ chuideachd. LUINNEAG, Gu ma slàn do’n chomunn ghrinn, ’S an tigh mhùirneach a bha cruinn; Sud an sgeula bu toigh leinn, A bhi cluinntinn iad bhi fallain. ’S anné Màbois mhor sin shuas, Thainig còmhlan grinn a nuas, Sliochd nan daone dha ’m bu dual A bhith tuathanachas fearainn. Cha robh uireasbhuidh orr rirbh Anns an tir dh’an d’ rinn iad triall, B’ e bhi aighearrach am miann ’S a bhi fialaidh ri fear aineoil, Fhuair iad còir bhios buan ’s nach tréig Air an òsgh a’s ciùne béus Meur na chraoibh a dh’ fhàs gun bhéud ’S a bha spéiseil anns a Charaus. Cuireadh fialaidh chaidh mu’n cuairt Dha ’n do fhreagair sinn gu luath,— A bhith cruinn air oidhche ’Luain Ged bhiodh fuachd ann agus frasan. Thainig càirdean bho gach sgìr Eadar Mabou ’us Marg’rì,— Bha gach cùis an òrdugh grìnn Bha toilinntiun ann gun ghaine. Chruinnich gillean fearail òg, A bha rianail anns gach seòl, Cha robh misgearrachd na’n còir,— Sud na h-oganaich ’bha ceanalt’. Chruinnich nionagan gun mheang, Cuimir, finealt’, direach seang, Cridheil, comhraiteach ’nan cainnt, ’S cha’n ’eil mealltaireachd ’n an gealladh. Chaidh an t-suipeir chur gu dòigh Meis na mnathan fialaidh còir, Gu’n robh pailteas air a bhòrd Dheth na seòrsachan bu mhath leinn. ’Nuair a chualas fuaim nan téud, Ghluais ar n-inntinnean do réir; Chaidh an t-ùrlar chur gu feum, Righ! gu’m b’ éibhinn leam a chaithream. Fhuair sinn aighear, fhuair sinn ceòl, Fhuair sinn a bhachd dheth gach seòrs’, Bha gach ni ann mar bu chòir ’S mar a dh’ òrduichean air banais. Chaidh an oidhche chur mu’n cuairt Deis gach aoidhealachd bu dual,— ’S bha gach aon againn fo ghruaim ’N uair a chualas gu’m bu lath’ e. Saoghal buan do’n charaid ghrinn Ghluaia air thùs na cuideachd leinn, ’S mòr an toileachadh e dhuinn A bhi cuimhneachadh ur banais. Rann Lice. Chuir mi cùl ris an t-saoghal Le ’fhaoineis gun bhrigh; Thiormaich Dia dhiom mo dheòir, ’S fhuair mi solas do-inns’ Fhir ’tha caoineadh aig ’n uaigh, Lean an t-Uan le do chridh’; ’S ’nuair a dh’ fhàgas tu ’n foeòil Bi’dh sinn còmhla a rìsd. Dhia dion mo Thearlach. Dhia dion mo Thearlach, Dion e ’nad ghràdh; Cum e bho pheacadh, Cum e bho chràdh. Dhia builich neart air, Is tuigs’ agus gras; Dean dileas dhuit féin e, Is feumail ri ’là. Urnuigh an Leinibh. ’Nis laighidh mi a siog gu tàmh, Gleidh m’ anam, O mo Dhia, ’nad ghràdh; Ma gheibh mi ’m bàs ’s mi ann am shuain, Thoir m’ anam leat do nàamh a suas. GRAMAR GAILIG.—Fhuair sinn litrichean uair us uair bho fheadhain a bha air son Gramar Gàilig fhaotainn. Tha againn a nis an Gramar ùr a chuireadh a mach toiseach an earraich leis an Dotair Mac-’Illiosa, ann an Lunnainn, agus cuiridh sinn e gu neach sam bith leis a phosta air son dolair us deich sentichean ($1,10). Cha’n eil teagamh againn nach bi àireamh mhath de’r luchd-leughaidh deònach an leabhar so fhaotainn. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an Oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA An Nasguidh Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus FAIGH FEAR DHIUBH. THA AM BATHAR CHO SAOR ’SA GHABHAS Bathar Math Faighinn. D. J. DOMHNULLACH. [TD 161] [Vol. 5. No. 22. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE; DESEMBER 5, 1896. No. 22. Oraid mu’n Ghailig. Aig fosgladh a Mhòid Ghàidhealach ann am baile Pheirt air an treas latha fichrad de dh’ October, liubhair fear-na-cathrach, an Dotair Mac Griogair, á Inbhirnis, òraid bhriagha, a’ labhairt air rùintean a Chomuinn agus an oidhearp a bha iad a’ toirt as leth na Gàilig. O chionn beagan bhliadhnaichean air ais, ars esan, chuir àireamh de dhaoine dileas na Gàidhealtachd rompa gu’n rachadh iad an guaillibh a chéile mar chomunn air son a Ghàilig a thoirt gu bhi air a’ teagasg na b’ fhearr anns na sgoilean, gach misneach a bhiodh ’nan comas a thoirt do litreachas agus do cheòl na Gàidhealtachd, agus nithean eile a bhiodh a chum math na dùthcha. Ach bha iadsan nach robh dhe’n aon inntinn riutha ag radh “Ciod am feum? ’de math a bhi feuchainn ris a Ghàilig a chumail beò? Bàsaichidh i ’s gun taing dhuibh!” Bu cheart cho math dhaibh a ràdh ciod am feum a bhi biathadh ’sa còmhdach ar bodhaigean féin? Cha’n eil teagamh sam bith nach bàsaich sinn uile; a bharrachd air a sin, tha’n saoghal air am bheil sinn a fuireach, ri bhi air a chur am mugha air dhòigh ’s nach bi eadhon a làrach air fhàgail. Carson a leigeamaid leis a Ghàilig a dhol bàs? Bu chainnt eireachdail i, cainnt a bha deagh-fhuaimneach agus ceòlmhor—math air son sgeul innse no òran a sheinn. Dh’ fhaodadh e tighinn thairis air na facail a bha Ian MacLaren ’na leabhar, “Kate Carnegie,” a cur am beul Gàidheil—“’S e cainnt gle bhoidheach a tha anns a’ Ghàilig, gu sònruichte ’nuair nach eil thu gle bhuidheach de dhuine.” (gaireachdaich.) A nise le teisteannas dhe’n t-seorsa ud air taobh na Gàilig cò aige bha dhànadas na theireadh nach bu chòir dh’i a h-àite ghabhail am measg nan cànainean. Bha mòran ùine agus airgid air an cosg a teagasg Laidinn us Greugais. Ciod am feum a dheanadh na cànainean sin do ghille òg air a Ghàidhealtachd mur robh dùil aige bhi na phears-eaglais, na fhear lagha, na dhotair, no ’na fhear-litreachais? Cha bhiodh na cànainean sin a faisg cho feumail dha ’sa bhiodh a’ Ghàilig. Ni eile bha a’ Ghàilig feumail mar mheadhon air son eòlas a thoirt d’ ar cloinn air a’ Bheurla. Ach their na h-eas-cairdean,—“Cha’n i cainnt nan ceannaichean, àgus mar sin ciod am feum a th’ innte?” Dh’ fheumadh e aìdeachadh nach robh focail anns a’ Ghàilig a fhreagradh air iomadh ni cealgach agus as-onarach a bhatar a cur an cleachdadh ann am malairt an latha ’n diugh, agus bha e gle thoilichte gu robh aige ris an aideachadh sin a dheanamh. A chainnt Shasunnach a bha ’bagradh àite na Gàilig a ghabhail, cha bu chainnt idir i. Cha robh innte ach cothlamadh de dheich no dusan cainnt eile; agus ged a b’ i Bheurla dh’ fheumadh a bhi na h-eadar-theangair eadar cinnich an t-saoghal ann am malairt, cha b’ aobhar sam bith sin aìr cainnt aosda agus fheumail mar a bha Ghàilig a leigeil bàs. An deigh iomradh a thoirt air aosmhoireachd na Gàilige, thug e tarruinn air comuinn Ghàilig a bh’ air an cur air chois ann an dùthchannan fad as, agus na h-oidhearpan a bhatar a deanamh an sin air a chainnt mhatharail a chumail beò. Ann an Canada, an New Zealand, ’s an Astralia, cha’n e mhàin gu robh comuinn Gàilig aca, ach bha paipearan-naigheachd Ghàilig aca. Na b’ fhaisge air an dorsan fein bha na h-uaislean a teagasg na Gàilig d’ an cloinn. Cha bhiodh a Ghàilig cho iseal sa bha i mur biodh cion suime nan Gàidheal fhein. Bha Buird-Sgoile, ann an iomadh àite, gle dhearmadach a thaobh teagasg na Gàilig anns na sgoilean. Chaidh iad as an dleasanas, cha’n ann le cion ’s nach robh meas aca air an cànain ach le cion toirt fa-near. Gle thric, eadhon anns a’ chuid bu Ghàidhealaiche dhe’n dùthaich, cha b’e fear a theagaisgeadh Gàilig a chuireadh an Bord a stigh mar mhaighstir-sgoile nuair a bhiodh àite falamh ann, ach fear, ma dh’ fhaoidte, aig nach robh facal Gàilig ’na cheann. Bha ni eile ann a bha deanamh call mor do’n Ghàilig, agus ’se sin pearsachan-eaglais a bhi ’gabhail pharaisdean air a Ghàidhealtachd air chumha gu’n searmonaichadh iad Gàilig, agus an ceann beagan bhliadhnaichean sguireadh iad iad dh’i (caithream.) Gun teagamh bha iad a’ gabhail mar leisgeul nach fanadh an sluagh a dh’éisdeachd na Gàilig, ach an robh duine tùrail sam bith am barail nan deanadh iadsan an t-seirbheis cho brigheil agus cho taitneach ’s bu chòir dhaibh, nach fanadh an sluagh a dh’éisdeachd searmoin nan cainnt mhàthaireil fein? (caithream.) Nach bu bheag an t-ioghnadh, ma ta, ged a bha ’Ghàilig breòite agus eadhon a bagradh bàs fhaotainn nuair a bha na Buird-Sgoile agus a’ Chléir, do’m bu chòir a bhi air thoiseach air na h-uile ann an cumail suas na cainnte sin, a deanamh dimeas cho mor oirre, agus a teachd cho gearr air an dleasanas d’a taobh. Air son a Ghàilig a chumail beò ’s i bhi air a teagasg, feumaidh iad cuideachadh fhaotainn o’n Riaghladh gus maighstirean-sgoile fhoghlum innte, agus feumair teasasg na Gàilig a dheanamh cinnteach an àite bhi ’ga fhàgail aig saor-thoil nam Bòrd no nam maighstirean-sgoile. Léugh sinn an la roimhe an sgeula beag a leanas, agus ma’s breug uainn i is breug ugainn i. Bha gille ’s nighean ann a Philadelphia a bha ro-dheònach air pòsadh, ach cha robh a dh’ airgead aca eadhon na phàigheadh am ministeir. ’S e rinn iad, fios a chur mu’n cuairt gu robh iad ri bhi air am pòsadh ann an àit àraidh air a leithid so de latha agus iad air an sgeadachadh ann an Deiseachan Rothairean, bean na bainnse ’s a cuid mhaighdeann ann am Bloomers, mar a theirear ’sa Bheurla. Bha acasan a rachadh dh’ ionnsuidh a phòsaidh ri suim bheag airgid a phàigheagh air son faighinn a stigh. Chruinnich sluagh mor, agus cha’n e mhàin gu’n d’rinn a chàraid òg na dhioladh saothair a mhinisteir, ach bha sporan beag aca air chul sin. Cha’n eil e gu mor fheum a bhi toirt iomradh air mar a tha cuisean ann an Cuba; an sgeul a thig an diugh, nithear breugach am màireach i, agus an sgeul a thig am màireach, nithear an ceart ni rithe latha no dha an deìgh sin. Ach tha e gle choltach gu bheil gnothuichean anns an eilean sin troimhe chéile, agus mur eil na Spàinntich a’ call an greim air cha’n ann idir ’ga theannachadh a tha iad. ’S e ’s docha gu’n lean a cheannairc treis mhath a dh’ uine fhathast, agus gu’n caill na Spàinntich air a cheann mu dheireadh. Tha na Cubaich eòlach air an duthaich agus tha iad cleachdte ris an t-side; mar sin tha ’n cothrom aca air an naimhdean agus theid aca air seasamh a mach moran na’s fhaide. Tha ar caraid Alasdair Caimbeul, á Strath-Lathuirn, an àm a bhi cur ugainn a dholair air son bliadhn’ eile dhe’n MHAC-TALLA, ag radh gu’m b’fhiach paipear Nèill Mhic Leòid air “Miann a Bhàird Aosda” barrachd mòr us pris bhliadhnail a phaipeir leis fhéin. Tha Mr. Caimbeul ’na dhuine tuigseach, breathnachail, mar a tha fios aig gach aon a tha eòlach air, agus is aithne dha rud math nuair a chi e e. Ged a bhios cuid a deanamh tàir air MAC-TALLA air son cho beag ’sa tha e, tha iomadh ni ri fhaotainn aige na’s luachmhoire na gheibhear anns a’ chuid mhor de na paipearan a’s motha ’san duthaich. [TD 162] [Vol. 5. No. 22. p. 2] ALBA ’NA H-AON RIOGHACHD. Feumar a bhi o àm gu h-àm a’ sealltuinn gu deas ri eachdraidh Shasuinn a thaobh na dàimh ’s an robh an dà rioghachd a’ seasamh d’a chéile an sin, ’s an déigh sin. Goirid an déigh do na Sacsonaich sealbh a ghabhail air an tìr roinn iad i ’na seachd rìoghachdaibh, ris an abrair luchd-eachdraidh, Sacson Heptarchi—Heptarch, focal Greugach a tha ciallachadh seachd rioghachda. Bha laghanna air leth aig gach aon diubh sin dhi féin, ach bha àrd chomhthional ac’ air son Shasuinn uile, coslach ri Pàrlamaid anns an robh iad a’ deanamh reachdan air son na dùthcha gu h-iomlan, gu h-àraidh iad féin a dhìonadh o allamharaich sam bith. Bha na beag rìghrean ud coslach ri rìghribh na h-Alba féin, glé aimhreiteach ’n am measg féin, ’s ro eudmhor mu ’n sochairean ’s mu mòralachd féin. O nach robh reachd sam bith air a dhaingneachadh fathast air son an t-sreath rìoghail a tharruing dìreach thun a’ chrùin ’us uaithe, bhiodh am fear a thachradh air an rìgh-chathair a’ marbhadh nam mac a bhuineadh do’n t-sliochd rìoghail a shaoileadh e bhi coslach ri grabadh a chur air a mhac féin, no air fear éigin eile ’bu mhaith leis a bhi ’na oighre air. Mar so thàinig an sliochd rìoghail mhac gu bhi co tearc mu thoiseach an naoidheamh linne ’s gu’m b’ e Egbert, rìgh Uesecs oighre dligheach nam beag rìoghachdan ud uile. Bha so taitneach d’a nàdur dian-thogarrach, ’s chuir e roimhe gu’n deanadh e ’chuid féin diubh uile. Agus chaidh aig’ air sin a dheanamh a lìon té ’us té, le cogadh ’s le seòltachd. Anns a’ bhliadhna 827 bha iad uile air an aonadh fo a riaghladh-san, mu’n cuairt de cheithir cheud bliadhna an déigh do na Sacsonaich tighinn do ’n tìr ’an toiseach. Feudar leum thairis air rìoghachadh Ethelof, a mhic-san; ach ri linn Alfred, ogha Egbeirt, ris an abrar Alfred Mòr, thug na deas Lochlunnaich iomadh garg ionnsuidh air an rìoghachd a dheanamh dhoibh féin, agus mu dheireadh chaidh ac’ air sin a dheanamh car greis. Bhàsaich Alfred ’s a’ bhliadhna 901 ’an sìth. Tha e air àireamh a measg nan rìghrean a b’ fhearr ’s a bu chomasaiche ’shuidh riamh air cathair. Anns a’ bhliadhna 994 fhuair na Lochlunnaich a dh’ionnsuidh rìgh-chathair Shasuinn, ri linn Ethelred an treas, no’n ceathramh rìgh an déigh Alfred. B’ e Suein ainm an rìgh Lochlunnaich a choisinn a’ bhuaidh sin. Fhuair Cainiut, mac Shuein, an crùn ’an deigh ’athar. ’S ann ris an duine so a bha na h-uaislean Sasunnach a’ deanamh uiread de bhroscal ’s gu’n tug e mar airidh a chathair a shuidheachadh air an tràigh ’nuair a bha ’muir ag éiridh, ’s ’n uair bha e ’teannadh r’a chosaibh, ’s ris a’ chathair, thòisich e ri bagradh air a’ mhuir na’m bu dàna leis tighinn ni b’ fhaide. An uair nach robh am muir a’ toirt ùmhlachd sam bith dha, thionndaidh e r’a luchd-broscail, ag earalachadh orra gun a bhi ’toirt glòir do cho-chreutair nach robh dheth féin ach fann; ach iad a bhi ’toirt glòir ’us urram do’n Ti a bha riaghladh na faìrge ’s nan uile nithe. Bha e, gun teagamh, ag aithneachadh gur mò a bha de nàdur magaidh na de fhìor chàirdeas ’n an cuid broscail. Bha triùir mac aig an rìgh so, ’s dh’òrduich e aig àm a bhàis fear dhiubh na rìgh air Lochlunn a Tuath, fear ’eil air Lochlunn a Deas, agus an treas fear a bhi ’n a rìgh air Sasunn. Ach bhàsaich am fear mu dheireadh agus a mhac mu’n cuairt do shea bliadhna an déigh sin, ’s chaidh an crùn Sasunnach a thoirt air ais do’n t-sliochd rìoghail aca féin, ’s a’ bhliadhna 1041. Bha Edmund, mac Ethelred, a riaghladh car greis os ceann pàirt de thaobh tuath Shasuinn, ’s de cheann a deas Alba ri linn Chainiut. Bha dithis mac aig Edmund so, Eduin agus Eideard. Bha Eduin so, a’ cumail crìche ri rìghribh na h-Alba ’na là féin. Tha ’n diugh baile mòr ainmeil, inbheil, air machair na Galltachd aig a bheil creag anabarrach àrd air a thaobh a ’s iar. Cha ’n fhaighear a dh’ ionnsuidh na creige so ach air an taobh an ear dhi. B’ i chreag so ri linn Eduin a’ chrìoch eadar e ’s Alba. Thog e daingneach làidir air mullach na creige, ’s rinn e baile aig a bonn a bha furasd a dhìonadh o mhullach na daingnich. Thugadh Eduin ’s burgh mar ainm air a’ bhaile, air a ghiorrachadh, Edinburgh, ’s e sin Dùneidin, àrd-bhaile rioghachd Alba. Cluinnidh sinn fathast mu thimchioll a bhràthar, Eideard; ach thigeamaid a nis air ar n-ais do Alba. An déigh bàis Dhomhuill MhicAlpinn, ’s a bhliadhna 863, thàinig Constantin, mac righ Coinnich, thun a’ chrùin. Bha esan ’s na rìghrean a lean as a dhéigh, mar iad-san a chaidh roimhe, air an cumail ’n an drip leis na Lochlunnaich, nach robh ’leigeadh tàmh leò ach a’ feuchainn ri briseadh a steach air an rioghachd an àit’ éigin. Feumaidh gu’n robh staid sluaigh Alba glé an-shocair ’s na linnibh ud, leis an trioblaid a bh’ aca dheth na naimhdean o’n taobh a mach, agus gach troimh-chéile a bh’ ac’ aig a bhaile, eadar buill fa leth an teaghlaich rìoghail a’ còmhstri co gheibheadh do’n righ-chathair na h-uile uair a bhiodh i falamh, ré 150 bliadhna an déigh Choinnich; oir cha robh reachd air a dhaingneachadh fathast a’ deanamh a’ chrùin cinnteach do cheud ghin an rìgh a bha air a’ chaithir. Do bhrìgh nach do thachair ni ùr sam bith ’s an rioghachd ris am bheil mòr ghnothuch againn ré a’ cheud gu leth bliadhn’ ud ach gun robh i, mar tha sgrìobhaidhean àraidh ag ràdh, air an innein gu ’bualadh ri chéile, ’s gu ’toirt a dh’ ionnsuidh a’ chruth ’s a’ chumaidh ’s an robh i gu fantuinn ré iomadh linn an déigh sud, feudar leum thairis air a’ chuid sin de ’n eachdraidh gun tuilleadh leudachaidh. Tha àrd-theachdaire na Frainge ann an Lunnainn a’ faotainn da mhile dheug punnd Sasunnach ’sa bhliadhna mar thuarasdal. ’Se so an tuarasdal a’s àirde tha teachdaire sam bith a’ faotainn. MEUDACHADH NA RIOGHACHD. Feudar a ràdh gu’n d’ fhuair Callum II. an rioghachd ’s a bhliadhna 1003 anns an dearbh shuidheachadh ’san d’ fhàg a shinnsir Coinneach MacAlpinn i ceud gu leth bliadhna roimhe sin; na Lochlunnaich co draghail ’s a bha iad riamh, ged a bha iad a’ faotuinn rotadh uamhasach na h-uile turus as ùr a bha iad a’ tighinn. Ach an déigh sin uile chaidh aig’ air a chrìochan a chur am farsuingeachd air an làimh dheis. Tha ’chuid is lionmhoire de luchd-eachdraidh ag aideachadh gur h-ann ri ’linn-san a chuireadh a’ chrìoch Albannach co fada gu deas ’s a bha i air a socrachadh anns gach linn o’n uair sin, ged tha e coslach gun d’ thugadh ionnsuidh air a teannadh a tuath an déigh a bhàis. Mhair rioghachadh Challuim deich bliadhna fichead. ’N uair a bhàsaich e ghiulaineadh a chorp gu ruig I Challum Chille leis an t-sòluimteachd a bha cubhaidh aig a leithid de àm, ’s dh’ àdhlaiceadh e maille ri ’shinnsiribh ’s an eilean ud air an robh an sluagh ag amharc mar thalamh naomh. Dh’fhàg e dithis nighean, agus b’e mac té dhiubh sin, da’m b’ainm Donnachadh, a rioghaich ’na àite. Cha robh Donnachadh sea bliadhna a’ rioghachadh ’n uair a chaidh a mharbhadh le duine comharraichte da’m b’ainm Mac-Beith. Tha luchd-seanachais ag innseadh co iomadh sgeul eug-samhail mu thimchioll Mhic-Bheith ’s gu feumar ni-eigin de rannsachadh a dheanamh air son ruigsinn air an fhirinn. Bhonntaich an cleasaiche Sasunnach ainmeil sin, Shakespear, aon de na puirt-chleasachd aig’ air na gniomharaibh bu mheas a bh’air an cur as leth Mhic-Bheith, ’s air na nithibh bu mheas a thachair dha gus an do chuireadh dheth ’n chathair e. ’S e bh’ aig a’ chleasaiche, ’s aig gach fear dheth sheòrsa ’s an amharc cliù fhaotainn dha féin air son a bhi co comasach air aignidhean dhaoin’ a ghluasad le foclaibh maith ’us droch fhoclaibh. Gidheadh tha cuid de luchd eachdraidh a’ deanamh ceann-iùil de’n chleasaich’ ud, a chionn gu bheil a sheanachas co sgeulamhuil, ’s co taitneach ri ’leughadh. Gu’n tug Mac-Bheith fiadhachadh caoimhneil do rìgh Donnachadh gu a chaisteal fein, gu’n d’ rinn e cuirm chàirdeil da, gu’n do chuir e mhisg air a gheard-pearsa, ’s gu’n do mharbh e le ’làimh fein ’na sheòmar codail e—fad locha buidh’ air a leithid sin de sheanachas. Ach cha ’n ’eil focal firinn ’an aoir an t-Sasunnaich do ’n Ghàel thapaidh ud. Rinn Mac-Bheith aramach ’an aghaidh an rìgh; chaidh an rìgh ’na aghaidh le àireamh shaighdearan gu ’cheannsachadh; choinnich iad a chéile faisg air Eilgin. ’S ann le Mac-Beith a chaidh an là. Thuit an rìgh ’s a’ bhlàr, ’s rinn am fear a choisinn na h-uile cabhag air son e féin fhaotainn air a chrùnadh ’na àite. Cha robh Donnachadh, mar tha cuid ag ràdh ’na sheann duine ’n uair a bhàsaich e; oir cha b’e bhràthair, no eadhon ’athair a bha rioghachadh roimh’ ach a sheanair, cha robh ach sea bliadhna o thàinig [TD 163] [Vol. 5. No. 22. p. 3] e féin a dh’ionnsuidh na righ-chaithreach, ’s cha b’ urrainn e bhi ach ’na dhuin’ òg aig an àm ud. Ach tha e coslach gu’m bu duine soirbh e, ’s gu’n robh Mac-Beith a’ smuain eachadh gu’m b’urrainn e gu furasd a chur, beò no marbh, dheth’n chathair, ’s gur e féin bu fhreagarraich air son àite rìgh a lionadh. Agus mar a bha ’inntinn suidhicht’ air sin, bha iomadh lethsgeul aig’ air son a dhol air aghart. A thaobh a mhàthar bha e féin de ’n t-sliochd rioghail. Bha e féin ’s an righ ’an dlùth dhàimh da chéile; agus bha e ’na cheann-feadhna co cumhachdach ’s a bha ’n Alba. Bha e ’na Mhaor-mòr air Ros, agus bha e air pòsadh bantrach Mhaor-mòir Mhuireidh, agus mar sin ’na cheann air an taobh Mhuireach gus an tigeadh Lùlaoch, mac a ceud fir-pòsda, gu aois. Craoch a b’ ainm do’n bhain-tighearn so: bu nighean i do Bhoidhe, mac rìgh Coinneach, a bh’ air a’ chathair roimh ’sheanair Dhonnachaidh, agus tha e coslach gu’n robh i de ’n aon chuideachd ri Iesebel, bean Ahaib, a’ sior bhrosnachadh a companaich gu h-olc. Co dhiù fhuair Mac-Beith e féin air a chrùnadh ’na rìgh le cuideachadh nan Rosach ’s nam Muireach, ’s tha e air innseadh gu’m bu deadh riaghlair e gus an do thòisich a spiorad a’ goirteachadh le iomaguin ’us eagal gu ’n deantadh ris mar a rinn e féin. Rinn e daingneach làidir air Dunsinnain ’an Siorrachd Pheirt, air son e féin a dhìonadh ’an aghaidh eascaraid sam bith a dh’fheudadh tighinn. Agus tha cuid ag ràdh gur e bagradh a leig e mach eadar ’fhiaclaibh ’an aghaidh aon de chinn-fheadhna Shiorrachd Fiofa bu mheadhon air a rìoghachadh a ghiorrachadh. Fhuair an ceann-feadhn’ ud sanas o charaid éigin ’s ruith e le ’bheatha gu cùirt Shasuinn, far an do thòisich e féin ’s oighre dligheach Alba air deanamh ullachadh air son Mac-Beith a thilgeadh dheth ’n chaithir. Dh’ fhàg righ Donnachadh dithis mac, ainm an fhir bu shine Callum, da ’m bu cho-ainm Ceann-mòr, ainm an fhir a b’ òige Domhull Bàn. Theich Callum Ceann-mòr gu deas gu ruig Sasunn; theich Domhull Ban gu tuath do eileanaibh Innse-gall. Bha iad le chéile, na ’m fògarraich, fear a tuath ’s fear a deas ré nan cùig bliadhna deug a bha Mac-Beith air a’ chaithir. Bha Callum Ceann-mòr roinn mhaith de ’ùin’ aig cùirt rìgh Shasuinn, a bha glé chaoimhneil ris. ’N uair a ràinig ceann-feadhna shiorrachd Fiofa leis na h-ursgeulaibh a bh’ aige féin mu staid Alba, dheònaich righ Shasuinn cuideachadh a thoirt do Challum Ceann-mòr gus a chòir dhligheach a thoirt a mach; ’s mar a bha iad a’ triall troimh Shasunn ’us cheann a deas Alba, bha an luchd-leanmhuinn a’ dol ’an lionmhoireachd gus mu dheireadh an robh armailt mhòr aig Ceann-mòr a’ dlùthachadh ri daingneach Dhuinsinnain. Cha b’ann gu all-tapadh a chaidh Mac-Beith ’nuair a chunnaic e ’n armailt ud a’ tighinn ’na aghaidh, mar tha cuid a cur as a leth. Chrioslaich é chuid armachd air gu duineil ’s chaidh e’n aghaidh an nàmhaid air ceann a chuid saighdearan, ach tha e coslach gu’n robh cuid diubh ga thréigsinn ’s a’ dol a null thun an taobh eile. Co-dhiù, chaidh an ceud bhlàr ’na aghaidh, ’s b’ éigin teicheadh gu tuath, far an do lean e air a’ chomhrag ré dhà bhliadhn’ iomlan gus an do thuit e ’an cath, ’na ’lùirich mhàilich, le ’chlaidheamh ’na dhòrn. Cha ’n ’eil teagamh nach deachaidh Callum Ceann-mòr a chrùnadh goirid ’an déigh do Mhac-Beith teicheadh gu tuath; ach cha robh fois aig’ o chogadh gu ceann greis an déigh sin. Cho luath ’s a thuit Mac-Beith chaidh a dhalta, Lùlaoch, a bha de shliochd Choinnich IV. éigheach ’na rìgh leis a’ phàirtidh a bh’ an aghaidh Challuim. Ach chuireadh fodha Lùlaoch goirid ’an déigh sin, agus rioghaich Ceann-mór gu siochail ’s gu soirbheachail ré shea bliadhna deug thar fhichead. Goirid an déigh do Challum Ceann-mòr a bhi air a stéidheachadh air rioghachd a shinnsearan rinn iad atharrachadh mòr air rioghalachd Shasuinn. Thàinig Harold, mac Chainiut, an Lochlunnaich, thun na righ-chaithreach ’s a’ bhliadhna 1036. Bhàsaich esan ’s a’ cheathramh bliadhna de ’rioghachadh. Thàinig Hardicainiut ’na dhéigh-san; bhàsaich esan mar an ceudna fo ’n mhisg an ceann dà bhliadhna. Ghabh na Sasunnaich an cothrom sin air a’ chuing Lochlunnach a thilgeadh dhiubh. Thug iad an crùn do Eideard, mac a b’ òige Ethelreid, a’ gabhail seachad air Edgar Atheling, ogha Edmuind, am mac bu shine, a thachair a bhi ’s an àm sin air chuairt ann a’ Hungari. Rioghaich Eideard 25 bliadhna. Theireadh iad an Confessor ris, a chionn e bhi ’na dhòigh ni bu choslaiche ri sagart na ri prionnsa. Bhàsaich e gun sliochd anns a’ bhliadhna 1066. Bha e air pòsadh nighean Iarla Uesecs, agus bha mòr ùghdarras aig an Iarla thairis air. Cha labhradh an righ a’ chainnt Shasunnach gu ro mhaith. ’S ann an Normandi a thogadh e, aig cùirt a charaid, Diùc na dùthcha sin; mar sin b’ i chainnt Fhrangach a b’ fhearr a labhradh e. ’Nuair a bhàsaich esan b’ e Edgar Atheling an t-aon oighre dligheach. Ach thug Harold, Iarla Uesecs, tàmhadh air a’ chrùn da féin, ’s bha ’athair an déigh pàirtidh co cumhachdach a dheanamh ’s an rioghachd ’s nach b’ urrainn an t-oighre dligheach a chòir féin a thoirt a mach. ’N uair a chual Uilleam, Diùc Normandi, mar a bha, ’s ann a rinn e féin airson tighinn a nall a thoirt a mach a’ chrùin, a bha e ’g ràdh air an d’ rinn Eideard dìleabach dheth. Rinn e gach ullachadh a bha ’na chomas air son a thaisteal do Shasunn a dheanamh soirbheachail. Fhuair e còmhnadh sluaigh us armachd o na prionnsaibh a bha timchioll air. Thàinig e gu oirthir Shasunn le càbhlach lionmhor. Thàinig e féin ’s a thrì fichead mìle saighdear air tìr ’an Susecs. Choinnich Harold e le àireamh shaighdearan nach robh faisg co lìonmhor an àite ris an abrar Hastings, air a’ cheathramh là deug de mhìos mu dheireadh an fhogharaidh, ’s a’ bhliadhna 1066. Chaidh an là leis na Normanaich. Chuireadh mòran de na Sasunnaich gu bàs. Thuit Harold féin mar an ceudna, ’s ghabh Uilleam sealbh dha fein air an rioghachd. Their luchd-eachdraidh a’ Bhuaidh Nòrmanach ri so, agus Uilleam am Buadhair ris an fhear a thàinig gu bhi ’na rìgh air lorg na buaidh ud. Bha ’shliochd gu ceann iomadh linn ’n an rìghribh air Sasunn.—Eachdraidh na h-Alba. Turas a Mharaiche. LE EOGHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D. Bha mòr dhanachd aig na maraichean anns a chreideimh. Air dhaibh fios a bhi ac gu’n tilleadh na spùineadairean, dh’armaich gach duin’ e fein leis an inneal air am b’ eòlaich e. Ghlac Criosduidh Claidheamh an Spioraid agus dh’earailich e iad gu leir iad a ghluasad gu fearail agus a bhi tréun. Rinn Dotair Saor Ghras ullachadh airson a mhuinntir leòinte, ag àithneadh do na mnathan ceanglaichean agus nithean de’n t-seòrs’ ullachadh. Air do’n Phrionnsa Dhubh am faicinn stàmp e le feirg; mhallaich e iad an ainm Athair nam breug, agus mhaoidh e gu’n tugadh e am feoil dha iasg na fairge. Ghabh Criosduidh comhairle bho Thuigse, a thubhairt:—“Teich ma’s urrainn duit.” Ghabh e mòr ioghnadh ach dh’fheuch e ri umhlachd a thabhairt. Ach thug an “Sgrios Obann” a ghaoth as na siùil aca, agus thainig e nuas orra side mar fhiadh-bhéist air cobhartach. An sin thubhairt Tuigse: “Cuiribh umaibh uil armachd Dhé, chum gu’m bi sibh comasaah air seasamh an aghaidh cuilbheirtean an Diabhuil, oir cha’n eil sinn a gleacadh a mhain ri fuil agus feòil ach ri uachdaranachdaibh ri cumhachdaibh, ri riaghlairibh dorchadais an t-saoghail so, ri aingidheachd spioradail ann an ionadaibh arda. Ghrad ghluais na maraichean. Bha a chlaidheamh deas aig Peadar agus chuir e mu’n cuairt e gu h-àrd an aghaidh a Phrionnsa Dhuibh. Thubhairt Athair ris, “Dean uail as deigh a streup.” Shuath Tòmas a shùilean, agus dh’fheòraich e “nach eil mearachd ann?—faodaidh e bhi gu’n bhuail am Prionnsa Dubh sinn air thuaiream. Dh’aontaich Ceann Cruaidh ris—ach air do shaighead fead a thoirt seachad bha an teagamhan air an sgapadh, agus an teangan sàmhach. Bha Cuilc Bhruit agus Gluinean Laga ri urnuigh agus ri saothair—bha iad lag na’m pearsaibh ach treun mar leomhannan. Bha Faiceal fo churan a thaobh an Eu-dion do bhrigh gu’u robh e as an t-sealladh. Bha Deagh Mhisnich gun chùram,—Lean Dearsair air a shaìl mar sgàil—oir bu duine e aig an robh moran de mhaoin agus mar so na dhaingneachd chinnteach. B’e Timoteus a cheud aon bha ullamh—ach cha dubhairt e a bheag; ghluais a bhilean mar gu’m bitheadh e ri urnuigh. Chaidh fheòrach de ghille beag uair cia meud duine bha ’san teaghlach. Fhreagair e gu robh còignear ann uile gu léir,—dithis dhiubh beò agus a triuir nach robh. An ceann tacan beag thuirt e, “’S mise fear dhe’n dithis a tha beò.” De’n choig muillein sluaigh a tha ann am baile Lunnainn, tha còrr us muillein a tigh’n beo air na’s lugha na còig tasdain fhichead ’san t-seachdain, agus tha tri cheud mile ann mao bchdainn. [TD 164] [Vol. 5. No. 22. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, DESEMBER 5, 1896. Co tha Doicheal Cuileag do’n Bhard anns a “Mhac-Talla.” Thainig tonn sgriosail air a Ghàilig, le fuar-chràbhadh moran na’s mo na le fior-chrabhadh. Tha cuid am barail gu’r peacadh a bhi leughadh nan òran a chithear anns a MHAC-TALLA. Theagamh gu’m feud iad sin a bhi cogaiseach gu leòr na’n dòigh fhéin. Tha cuid de dhaoine, nuair a ruigeas iad aois araid a tha de’n bheachd gu’m beil an gnothach ris an t-saoghal seachad, ach ma bheir sinn aire cheart, chi sinn nach ann mar sin bu chòir e bhi. Nuair a bha Iacob a faigheal a bhàis is ann a thug e seachad do a dha mhac dheug an t-òrdagh anns an cuireadh iad suas a’m brataichean. Thug e a chòt-airm fein do gach fear; an Leoghann do Iudah, ’s mar sin sios. Is ann air leaba a bhàis a chunnaic Daibhidh a mhac air a chrùnadh. Is ann air a chrann-chéusaidh a chuir Iosa air dòigh ullachadh air son na h-Oigh, a mhàthair; ’nuair a thubhairt e, “A bhean feuch do mhac,” agus an sin ris an duine òg, “feuch do mhàthair,” ag iarraidh air Eòin curam agus aire màthar a thoirt d’ì. Saoilidh mi gu’m beil sin a teagasg dhuinn curam a ghabhail do nithibh tìmeil co fad ’s a bhitheas sinn ann an tìm. Agus ciod e an ni saoghalta anns am bu chòir dhuinn barrachd tlachd a bhi againn na’n eileamaid anns am bi ar ’n inntinnean a beachdachadh ’sa smuaineachadh, ’s an compàirtich sinn ar smuain ri ar co-chreutair. Cha’n eil e aon chuid fearail no duineil ar cainnt a mhuchadh; agus na muchamaid spiorad nam bàrd, oir tha ar cainnt fo chomaine mhoir dhoibh. Tha cuid ann a bhios ag ràdh gm’m beil na bàird a dol tuilleadh is fada air aon taobh; a deanamh tuilleadh ’sa chòir de mholladh no do dhiomolladh; is mar sin gu’m bheil moran bhreug anns na h-òrain aig na bàird Ghàidhealach. Tha sin fior au aon seadh, ach air an laimh eile tha e leigeil ris a chumhachd a tha aca gu nuadh chruth a chur air na nìthibh air am bi iad a labhairt ’s a deanamh suas bàrdachd. ’Nuair a tha ’m bàrd rioghail a caoineadh air son a charaide agus air son ’athar tha e ag ràdh, “Bu luaithe iad na iolairean, bu treise iad na leòmhainn. ’Nuair a ghabhas sinn sin bho bhàrd Eabhrach, car son nach gabhamaid bho Oisein, “Coimeas do’n charraig an triath, a shleagh mar ghiumhsaich air scòrr beinne, mar ghealaich ag eiridh o sgiath.” Gabhaidh sinn bho bhàrd ’Dàn nan Dàn “Mar shnathainn dearg air a dhath da uair tha do bhilean, mar mhir de phomgranat tha do chamagan ’am meadhon do chliabh,” ’s nach feud sinn “’S ann tha cas-fhalt mo ruin-sa Gu siubhlach a sniomh,” a ghabhail bho Eobhain Mac Lachlainn. Gabhaidh sinn bho Ioel a bhi molladh a thir féin ag ràdh gu’n “sil na sléibhtean a nuas fion nuadh agus gun sruth na beanntan le bainne;” is car son nach gabh sinn bho Iain Mac Odrum a thir fein a mholladh: “Si n’ tir sgiamhach tir na machrach, Tir nan dithein miador daithte, An tir aigeach, làireach, mhartach, Tir an aigh gu bràth nach gaisir.” Mar an ceudna gabhaidh sinn an 109mh Salm, is diùltaidh sinn bàrdachd Iain Mhantaich nuair a rinn e peanas dligheach air murtairean na Ceapaich, ’sa thubhairt e le taingealachd: “’S buidheach an diugh do mo Dhia mi; Fhuair mi ’n achanaich a dh’ iarr mi, Diogladh bhiodagan ’nar cliathaich ’S tarruin ghad troi’ bhlaid us fiacail.” Na innseadh Gall do Ghàidheal gu’m bi aon ’nar measg ’ag iarruidh spiorad a bhàird a mhuchadh. Leubh mi le suilbhear litir Mhic Dhomhuill Bhreabadair; tha mi ’n dòchas gu’n cuir e thugainn an t-òran a rinn am ballach a tha thall an sud do ’n nighinn chliutaich a tha am Manitoba. Slan iomradh air Mac Dhomhuill Bhreabadair. Bu cho maith leam biadh gun sallan ri MAC-TALLA gun òran. AONGHAS MAC AOIDH. Providence, R. I., 28, 11, ’96. Fhuaìreadh fios ann an Canada an la roimhe gu robh dithis bhràithrean dhe’n ainm Beattie, a mhuinntir Columbia Bhreatunnach, air an glacadh ’s air an cur am priosan leis na Spàinntich ann an Cuba. Chuir Riaghladh Chanada a chuis air beulaobh Riaghladh Bhreatuinn. An ceann ochd uairean deuga thainig fios air ais ag innse gu’n deachaidh rabhadh a thoirt do’n Spàinn gu feumadh i an dithis ud a leigeil ma sgaoil, agus gu robh aice ri fhaicinn gu’m biodh a h-uile Canadach a dh’fhaodadh a bhi ’n Cuba sàbhailte. Cha’n e ’n sugradh do dhuthaich sam bith eucoir a dheanamh air duine tha ’na iochdaran do Bhreatuinn. Ged nach eil rathad-uisge Suez ach ceithir fichead mile ’sa naodh deug a dh’ fhad, tha e ’giorrachadh na slighe eadar Breatunn ’s na h-Innsean ceithir mile de mhiltean. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 165] [Vol. 5. No. 22. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Prionnsa Louis Savoy, mac brathar do righ na h-Eadailte, an dràsda ann a Halifax. Rainig e am baile sin Di-donaich s’a chaidh. Chaidh duine de’n ainm Lynch a mharbhadh ann am Moncton, N. B., Di-luain s’a chaidh, le each ’ga bhreabadh ’s e timchioll air anns a bhàthaich. Gheibhear ainmean àireamh a phàigh air son a phaipeir anns an àireamh so. Ma chuir neach sam bith am pàigheadh ugainn, agus nach d’ fhuair e creideas, cuireadh e fios g’ ar n-ionnsuidh agus cuiridh sinn ainm anns an ath àireamh. Chaidh triuir ghillean òga fhaotainn ciontach de mheirle ann a Halifax an la roimhe; fhuair dithis dhiubh da bhliadhna ’n urra dhe’n tigh-obrach, agus chuireadh am fear eile dh’ an phriosan. Cha ’n eil am fear a’s sine dhiubh ach coig bliadhn deug a dh’ aois. Tha cuideachd a ghuail an deigh mu chairteal maillein tunna guail a chreic ri Rathad-iaruinn Bhoston us Maine air a bhliadhna so, agus chòrd e riutha cho math ’s gu bheil iad a dol a leantuinn air a cheannach. Bidh sin na ’chuideachadh math do mhèinneadairean na siorrachd so. Bha tuiltean mora ann an Stàit Wisconsin mu mheadhon na seachdain so. Bha aon bhaile Chippewa Falls, anns an d’ rinneadh call mor. Bha ’n tuil air éiridh cho ard ’s nach b’ urrainn do mhoran fuireach anns na taighean, agus bha eagal orra gu ’m biodh moran de na taighean air an toirt air falbh. Bha ’n call air a mheas aig muillein dolair. Bha a cheud Dinneir bhliadhnail aig a Chomunn Chaledòineach oidhche Di-luain, ann an tigh-òsda “Chabot.” Bha àireamh mhor cruinn, bha a chùirm gle mhath, agus chuireadh an oidhche seachad gu cridheil, sunndach. Fhuaireadh fios us fàilte bho àireamh de Chomunnan eile eadar Anoigonish us Vancouver, a bha cumail Feill Andrais air an doigh cheudna. Tha Mecsico an deigh an Seanalair Diaz a chur a stigh mar cheann-suidhe an coigeamh uair. Chaidh a thaghadh an toiseach ’sa bhliadhna 1876, agus tha e riaghladh na duthcha riamh uaithe sin. Di-ciaduin s’a chaidh, ghabh e an dreuchd air son coig bliadhn’ eile, agus bha othail agus greadhnachas nach bu bheag timchioll air. Tha e coltach gur-a fear-riaghlaidh glic e, oir thainig soirbheachadh air an dùthaich ri linn nach robh aice riamh roimhe. Chaidh Harry Bagnell, duin’ òg a mhuinntir Shidni, a bhàthadh ann an Bordeaux, ’san Fhraing, a che-la-deug gus an diugh. Bha e na mheat air soitheach, agus chaidh e le bàta chur an sgiobair gu tir; air dha bhi tilleadh ’se leis fhéin, bha an sruth cho làidir ’s gu’n deach am bata chur fodha. Chunnacas e bhar an t-soithich, agus chaidh ròp a thilgeadh g’a ionnsuidh; ghreimich e air, ach an deigh sin chaill e greim, ’s cha’n fhacas e tuilleadh, Cha robh e ach da bhliadhn’ air fhichead a dh’ aois. Cha’n eil fhathast bliadhna o’n dh’fhàg e ’n tigh. Tha athair a fuireach mu dha mhile mach o’n bhaile. Chaidh bantrach Aonghais ’Ic Gilleain, seanbhean a bha fuireach ann am Melville, Lot 30, E. P. I., a losgadh gu bàs a sheachdain gus an Diciaduin s’a chaidh. Bha i dall, agus i ’comhnuidh ann an tigh beag comhla ri nighean bhig, ogha dh’i fhéin. An latha thachair so, chaidh an nighean dh’ an tobar, agus, air dhi a bhi treis a dh’ ùine air falbh, nuair a thill i bha an tigh ’na theine. Ruith i a thoirt brath do na coimhearsnaich, agus ’nuair a fhuaireadh an teine chur as, fhuaireadh an t-seana-bhean bhochd marbh air an ùrlar, ’sa chuid bu mho dhe h-aodach air a losgadh dhith. Cha ’n eil fhios ciamar a thoisich a teine. Bha stoirm mhor shneachda anns na Stàitean a Deas Di-ciaduin s’a chaidh; cha robh a leithid aca o chionn àireamh bhliadhnaichean. Thuit an sneachda cho trom ann am baile Petersburg, an Stàit Virginia, ’s gu’n do chuir e stad air na carbadan air an t-sràid, agus fad an fheasgair bha na sleigheachan a ruith. Tha Riaghladh Newfoundland an deigh na tha de rathad-iaruinn ’san eilein sin a cheannach dhaibh fein. Phàigh ìad muillein gu leth dolair air a chuid mu dheireadh, a cheannaich iad air a mhios so. An deigh na Bliadhn’ Uire bidh rathaidean-iaruinn Newfoundland air fad fo laimh Riaghladh na dùthcha. Chaidh tigh-coinneamh briagha farsuinn a chur suas ann an Gleann-nan-Sgiathanach air an fhoghar so, agus chaidh fhosgladh o chionn beagan us mios. Bha coinneamh mhor ann, agus bha òraidean gasda air an liubhairt ann an Gàilig ’s am beurla leis na h-Urr. Mr. Ros agus Mr. Bayne. Chaidh Comunn Stuamachd (I. O. G. T.) a chur air chois anns a’ Ghleann air an t-seachdain s’a chaidh. Thatar ag radh gu bheil e anabarrach trom air sùilean neach a bhi leughadh paipear-naigheachd air son nach no phàigh e, no paipear a ghabh e an iasad. Tha eagal oirnn gu’m bi MAC-TALLA mar sin na mheadhon air moran dhaoine dheanamh dall—ach ’se ’n coire fhéin a th’ann. Duine tha air son a fhradharc a ghleidheadh, gabhadh e MAC-TALLA dha fhéin, ’s pàigheadh e air a shon. Sheas Caipt. Delisle, sgiobair an Tibeir, cùirt ann am Montreal Di-ciaduin s’a chaidh, agus tha e ri bhi air a chur air ais gu ruige St. John ’s, Newfoundland, gu bhi air fheuchainn an sin. Cha ghabhadh am breitheamh urras idir, agus chaidh a chur dh’ an phriosan. Tha muinntir Newfoundland gle chruaidh ’na aghaidh, agus cha’n ioghnadh e, ma tha iad a’ smaoineachadh gu’m b’e bu choireach ri bàs nan tri duine deug a chaidh a bhathadh leis an sgiorradh. Tha an caiptean ’sa luchd-lagha dol a thoirt ionnsuidh air a’ chuirt a thoirt gu àit-eigin eile, oir tha iad dhe’n bharail nach b’ urrainnear jury fhaotainn ann an Newfoundland a bheireadh breith cheart air. Iadsan a Phaigh. Mairi E. Nic Neill, Meinn Ghardiner. Donnacha Mac Fhionnlaidh, L. L’Ardoise. A. D. Mac Cuthais, Salem Road. Iain L. Mac Gilleain, Woodbine. Iain A. Mac Isaic, Meinn a Tuath. Uisdean K. Domhnullach, Point Tupper. Murachadh Mac-a-Ghobha, Sidni. Alasdair Caimbeul, Strath-Lathairn. Iain Camshron, Grand River, $2.00, Eobhan Gillios. Braigh Mhargaree, Iain D. Gillios, Loch Ghillosi Tormoid Domhnullach, Dutch Brook. Ruairidh A Mac Isaic, Loch Leven, 50c. Bean Thearlaich ’Ic Gilleain, Loch Ainslie, 50c. Calum Mac Neill, Acarsaid Mhargaree, $3.50. An t-Urr. R. Mac Coinnich, Arisaig, N. S. Aonghas Mac-a-Phearsain, Loch a Ghranndaich, N. S. An t-Urr. D. E. Siosal Amhuinn Larry, N. S. Domhnull Mac Calamain, Kinross, P. E. I. Domhnull Mac Coinnich, Orwell Cove, P. E. I. Alasdair Martuinn, Valleyfield, P. E. I. Ruairidh Johnson, Parkhill, Ont, 25c. Iain Moireastan, Dunbheagain, Ont. Domhnull Dùghlach, Longlaketon, Assa. Alasdair Seathach, Hilton, Man. Bean Eachuinn Ic Aidh, Marsboro, Que. 50c. Calum I. Mac Leoid, Rockfort, Mass. Domhnull Mac Gilleain, New York. Iain Mac-a-Bhiocair, Rescue, Mich. Aonghas Mac Lachlainn, Greenleaf, Mich. Iain S. Mac Leoid, Sault Ste. Marie, Mich. Calum Mac Aoidh, Sault Ste. Marie, Mich. An t-Oilear Domhnull Mac Fhionghain Dun-Eideann, Alba. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 166] [Vol. 5. No. 22. p. 6] Sealg an Tuirc-Fhiaclaich. Air bruachan aibhne àraid `an Canada, tha bailteachaa Ghàidheal a chaidh air imrich á Tìr-nam-beann. Tha form a’ chòmhnaird a tha ’chòir na h-aibhne anabarrach feartach, torach, ach leis gu’m bheil an Geamiradh ro fhada, cruaidh, cha’n ’eil an luchd-àitich, mar na Goill air a Mhachair ’an Albainn, a sìor-chur ris an tuathanas; ach a thaobh an t-iasg ’s an ianlaidh a bhi gu math pailt, bidh iad ri mòran iasgaich ’us seilge. Latha bha ’sid, ma ta thug dithis dhiùlnach lùthor, a choille orra a sherlg, gach fear na ’chulaidh-sheilg, le ’mhusg ’s le ’bhiodaig. Chùm iad an gabhail ri taobh uillt a bha ’ruith as a’ mhonadh air taobh-niar na h-aibhne—cuilidh a bha fios aca a b’ ionad-tathaich do’n torc-fhiaclach. B’ annsa leotha an torc na gin de luchd-àitich na frithe; agus ged a bha an t-ainm gu’n robh iad air leth làidir, alta cha robh teagamh aca nach leagadh iad co-dhiù dithis dhiubh, ach an sealbh ga,n cur nan caraibh. Cha d’ éirech an sealg leotha idir; agus leis an torc a mhain a bhi aca ’s an amharc, leig iad diùbh gach seòrsa eile, ’s beagan romh dhol-fodha na gréine, an uair a thug iad an aghaidh ri baile, cha robh aca a thoradh an saothrach ach aon choileach-frangach. Ach ciod air an d’thàinig iad, an uair a bu lugha dùil ris, ’s bu làn-aighir e, ach sloc domhainn de uamhridh—fail-mhuc, ’s cuain mhòr uirceinean leth-àraichte ann, ’s gun an t-seann chàraid a stigh. Bha fiach an t-saothair an so gun teagamh; agns le sgoltadh-beairte thuirt Dònull ri Tormaid: “A Thormaid, bho’n is tus is lugha, rach a stigh agus cuir bhàrr an t-saoghail na h-uirceinean, agus fanaidn mis ag aire ’n doruis.” Shìn Tormaid a mhusg do Dhònull, ’s rùisgear a bhiodag ’s gabhar a stigh ’at comhair a chinn aira mhàgan. Ah uair a bha e mu leth an rathaid bhuail an t-eagal e, agus glaodhar air ’ais: “Air ghaol an iochd, a Chonuill, cùm a mach na seana-bhéisdean.” “Na cuireadh sin culag ort,” osa Dònull. Ged a bha bial na h-uamha cumhang, bha farsuinneachd mhòr na ’ceann-shuas, agus mu’n gann a bha Tormhid a stigh thòisich e air lannadh as nan uirceinean. Coma cha luaithe a dh’inttrig e na’n dàil na chunnaic Dònull an t-uile-bheist mòr ud a’ tighinn ’s e ’s a’ bhéuchaich ag casadh fhiaclan ’s a shùilean na’n caoraibh dearga. Dh’fhan Dònull na bhalbh-thosd seach Tormaid a dhol gu mìthapadh, ’s chuir e ’mhusg air an làn-thogail; ach los am peileir a bhi na bu mharbhtaiche, leig e leis tighinn mar uidhe céuma no dha dha; ’an sin tharrainn e an t-iarunn-leigidh ’an dùil an eanchainn a spòltadh as. Ach am fortan ga’r teasraiginn! dhiùlt i aingeal, no las am fudar-cluaise mhàin, cha chuimhne leam co aca. Cha robh ùine ri ’chall, thilg Dònull a mhusg an aodunn an tuirc, agus thugar na buinn. Leis gu’n cuala an torc téis nan uircean cha do lean e Dònull ro fhada, agus tillear na gharaidh. Cha mhòr fear nach cailleadh a mhisneach ’s a’ chàs so; ach cha b’e ’sin do Dhònull e: bha Tormaid an geall na b’fhiach e. Cho luath ’s a chunnaic e gu’n do thill an t-uile-bheist, thionndaidh e ’s shìn e air, ach leis an eagal a ghabh e gu’n riasladh an torc e, bha e fada bhuaithe mu’n d’thug e ’n aire, air chor agus gu’n robh e gu math air thoiseach air, ach cha d’fhàg e téud gun righeadh. Leig e éibh no ’dhà as, agus ged a bha ’chabhag ann cha d’rinn e diochuimhn’ air cobhair aslachadh as na h-àrdaibh. Cha robh an ùrnaigh ach goirid, gun teagamh; ach bha i brìgheil—“O Thighearna! Tormoid bochd! Tormoid bochd!” ghlaodh e le àirde ’ghuth ’s e ’sileadh nan diar. Ach a dh’ aindeoin a thapadh bha ’bhéist-chaothaich roimhe aig a’ gharaidh, ’s thugar a stigh air. Bha ’m bial tuilleadh ’s cumhang gu faighinn a stigh na sheasamh, b’ eudar dha dol air a bhroinn mar a chaidh Tormoid ann, air chor ’s mar so gu’n do chaill a chasan-deiridh an greim. ’S an t-sàs-a-chnaige so ràinig Dònull, ’s grainaichear ’n a ’earrabal mor, fada, ’s cuirear car no dha dheth mu ’dha làimh, agus a’ propadh a chas ris a fhruaich, thòisich e air a tharrainn le ’uile neart. Cha robh fios aig Tormoid air car de na thachair air a bhlàr-a-mach, agus ghabh e iongantas uamhasach as an dall-dhorchadas a thàinig air a chlisgeadh. Dh’fheith e car tacain ’an dùil gur Dònull a bha ’g iomairt chleas air, ach leis nach robh lias-soilleireachd idìr a tighinn, ghlaodh e àirde a chinn: “Haoi! Chònuill, ’d é ’tha cur stad air an t-solus?” Bha anail Dhònuill na ’uchd, ’s e ’n greim ro nàistinneach, gu feart a thoirt air ceist a bha ’s an àm cho leamh leis. An deaghaidh géill ’as dubh-ghéill a thoirt, chaill Tormoid ’fhaighidinn, ’s ghlaodh e rithist na bu sheachd àirde. An fhreagairt a thug Dònull air ’s tric a chualas i; ach tha mi ’creidsinn nach robh riabh ’s nach bi tuille coimeas di ann: “A Chonuill, ma thà,”—os a Chònuill! “’de tha ’cur stad air an t-solus?” “Ma bhristeas am feaman bidh fios agad air sin” osa Dònull. Lean Dònull ri ’ghreim gu duineil, agus cha b’ fhada gus an robh beoithichill aige ri buaidh a chosnadh. An uair a theannadh an torc ri dol air ’aghart, thairneadh Dònull air ais e; agus trath a theannadh e ri tilleadh, chuireadh e ’ghualainn ri ’cheirean ’s dh’fhùcadh e air ’aghart e; agus chum e ’s a’ chàs so e gus an d’fhuair e cothrom air a bhiodag a shàthadh fo’n chrom-aisne ’s ’n a mharbh e e. Bha luach an saoithreach aig an dithis dhiùlnach air an sgriob, ’s bha obair aca na closaichean a thoirt gu baile. Chum iad annlann fad a’ Gheamhraidh ris na teaghlaichean aca, agus ’s ioma gàire a thug e orra fhéin ’s air càch a bhi ’g aithris mar a bh’ eadar iad fhéin ’s an torc. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair. DUIN’ OG TAPAIDH.—’S iomadh rud iongantach a bh’ ann ’nuair a bha na seann daoine ’nan daoine òga, ’se sin mur eil an cuimhne ’g am mealladh. “Mo chàirdean oga,” arsa duin’ aosda ann an Comunn Deasboireachd Ghlaschu, “dh’ iarrainn oirbh ur n-uile dhichioll a dheanamh air, cha’n e mhàìn leabhraichean matha leughadh, ach iad a bhi agaibh dhuibh féin. ’N uair a bha mise ’nam dhuin’ òg, ’s iomadh uair a bha mi air mo chois fad na h-oidhche a’ cosnadh airgid a cheannach leabhraichean, agus a dh’ eirich mi romh bheul an latha gus an leughadh!” LATHA STOIRMEIL.—Bha dithis dhaoine uair a diosbud mu lathaichean stoirmeil; gach fear a deanamh a mach gu’m b’ iad na lathaichean a chunnaic e-féin bu stoirmeile na latha chunnaic duine sam bith eile. Arsa fear dhiubh, “chunnaic mise latha bha cho stoirmeil ’s gu’n d’ thug na fithich tri uairean an uaireadair ag gearradh iteig eadar àite Dhòmhnuill Bhàin ’san nead ’sa choille, s cha’n eil a dh’ astar an sin ach gann mile.” “Ud, ud! a dhuine,” ars am fear eile, “’s iomadh latha chunnaic mise ’ghaoth cho làidir ’s gu’m b’ fheudar dha na fithich an t-slighe dhachaidh a ghabhail dh’an cois.” Anns na beanntan eadar na h-Innsean agus Persia, tha treubh chumhachdach a’ còmhnuidh aig am bheil cleachdaidhean iongantach. Am measg an t-sluagh sin tha còir aig na mnathan air am fir a thaghadh. ’Nuair a ni boirionnach a h-inntinn suas gu bheil an t-àm aice pòsadh, cha’n eil aice ach sgalag a chur air falbh gus neapaicean a phrionadh ri ad an fhir a tha i air son a phòsadh, agus feumaidh e a pòsadh gun dàil, air neo a dhearbhadh gu bheil e tuilleadh us bochd air son na tha a h-athair ag iarraidh air a son a phàigheadh. Chaidh seana-bhean bhar na Gàidhealtachd a mach gu Galldachd a choimhead air nighinn dhi a bha ’ga cosnadh fhéin. An deigh dhi tighinn dhachaìdh bha i ag innse dh’a càirdean gach ni iongantach a chunnaic i air a turus “’S e ’n rud bu mho a chuir a dh’ ioghnadh orm air fad,” ars ise, “fitheach uaine a chunnaic mi ’s e bruidhinn mar gu’m biodh duine.” Tha aisling ’nar n-anam, ’s briathra ’nar beul Mu la ’s fearr is ni ’s bòich’ ’nan còir; ’S tha ar làithean a’ caitheamh ’s a ruith le chéil’ Gus an àm ud ceann-uighe an òir. A nis sean tha an saogh’l, a nis òg tha e rìs, Ach dùil ris an “Am mhath” tha ’g éiridh gun sgìs. Tha an seòmar a’s motha th’ air an t-saoghal anns an Lùchairt Rioghail ann an St. Petersburg. Tha e ceud us tri fichead troìgh a dh’ fhad, agus ceud gu leth troigh a leud. [TD 167] [Vol. 5. No. 22. p. 7] Urnuigh an Duine Bhochd. Air feasgar ciùin samhraidh bha duin’-uasal ’na shuidh ’ga ghrianachadh fein aig dorus a’ thaighe, agus ag amharc air a mhuinntir a bha ’gabhail seachad air an rathad mhòr a bha goirid uaith. Bha seann duine air a luchdachadh le bliadhnaichibh, agus le ceann liath, a dlùthachadh ris le ceumaibh goirid, mall, agus chuir e failt air, le bhonait a thoirt de ’cheann, agus le ùmhlachd a dheanamh dha. “Ciod is gnothuch duit a dhuine shuaraich,” deir an duin’-uasal “agus ciod a chuir ’an car so thu?” “Le’r cead, le’r cead a dhuin’-uasail, tha mi bochd, éuslainteach, fànn, agus éu-comasach air mo theachd-an-tir fein a chosnadh, uime sin tha mi ’g iarraidh na deirce.” Sheall an duin’-uasal gu gruamach, crosda, air an t-seann duine, agus thubhairt e ris, “A bhodaich shuaraich, c’arson tha dhànadas agad teachd cho dlùth air m’ fhàrdach-sa an uair bu choir duit a bhi ri obair air choireigin, chum thu fein a chumail suas, agus cha’n ann a bhi ’caitheadh do làithean ’nad’ leisgeatair a’ siubhal an rathaid mhoir. Bi falbh, bi toirt do chasan as, cha’n ’eil cuideachadh agam dhut.” Fhreagair an duine bochd e, ann an siobhaltachd, agus thubhairt e, gu’n do chuir seah aois o obair e, agus gu’m bheil e ’ga thilgeadh fein air Freasdal an Tighearna Dé, agus air truacantas dhaoine uaithe. Cha do chord briathran an duine bhochd air chor sam bith ris a pheacach uaibhreach agus fein-speiseil ris an robh e ’labhairt, oir bha e na ana-creideach. Uime sin, dh’ òrduich e do n duine bhochd, an dara h-uair, e fein a thoirt as gu h-ealamh, agus le gàire fanoid, labhair e mu Dhia, agus mu ’Fhreasdal Dé mar nithe do nach tugadh e géill sam bith. Dh’fhalbh an deirceach beagan chéuman uaith; agas thuit e air a ghlùinibh. An sin, chuir e suas an ùrnuigh a leanas: “O Dhe ghràsmhoir, tha mi ’toirt buidheachas duit do bhrigh gu’m bheil thu a’ taomadh nuas do bheannachdan aimsireil agus spioradail orm, agus do bhrigh gu’m bheil m’ aran agus m’ uisge fein cinnteach. Tha mi ’guidhe ort, air sgàth Chriosd, cuimhne a bhi agad air an duine dhall so, ged a rinn e tàir ort fein agus mar an ceudna tarchuis air do Fhreasdal. A Dhé, thoir maitheanas da, oir cha’n ’eil fios aige ciod a ta e ’g ràdh no ’deanamh.” Dh’fhalbh an deirceach aosda, agus mar sin chaidh na cùisean ré tamuill seachad. Ach bha na focail “A Dhé, thoir maitheanas da, oir cha’n ’eil fios aige ciod a ta e ’g ràdh no deanamh,” a fuaim gu’n sgur ann an cluasaibh an duine shaibhir. Bha e ann am mor àmghar rè na h-oidhche. Gidheadh air an ath là, air da a bhi air a ghairm do’n bhaile mhòir, rug e air an t-seann duine a’ gluasad air an t-slighe. Bhuaileadh le seòrsa eagail e an uair a thilg e a shuilean air an duine bhochd gu’n dùil ris, agus dh’aidich e an déigh làimh gu’n do chuir an sealladh air chrith e le ciont agus eagal. Theirinn e bhàrrich, an e chrath e an duine bochd air làimh, an déigh fàilt a chur air, thòisich còmhradh ro thaitneach eadar an dithis, Thionndaidh an deirceach aosda ris an duin’-uasal, agus thubhairt e ris, “Air an là ’n dé bha mi acrach, agus ghairm mi aig dorus duine shaibhir. Bha corruich air agus ann sin dh’ innis e dhomh nach robh e creidsinn aon chuid ann an Dia no na fhreasdal. Dh’iarr e orm falbh, agus dh’ fhalbh mi gu dorus eile far an d’fhuair mi gach aoidheachd a bha feumail. Ach feuch, b’e dorus tighe bantraich a bh’ ann, agus bha i ro bhochd.” Dh’ éisd an duine mor rè na h-ùine so agus ma dheireadh dh’aidich e gu’m b’ esan an duine saibhir a bhuin gu an-iochdmhor ris an duine bhochd, dh’iarr e maitheanas air, agus shin e dòrlach airgid d’a ionnsuidh. Ach cha do dhi-chuimhnich e riamh am focal, “Cha’n ’eil fios aige ciod a ta e a’ deanamh.” Dh’fhàs e ’na dhuine diadhaidh, agus cha do chuir e riamh an deigh sin deirceach truagh air falbh falamh o’n dorus aige. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe. Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. [TD 168] [Vol. 5. No. 22. p. 8] Comhairlean Easbuig Carswell d’ a Mhac (Anns a’ bhliadhna 1560.) Latha bha sinn gu mear, uaibhreach, A mhacaidh ud a’s guirme sùil: Aon fhocal air leas an anama, Gur seirbhe ’bhlas na ’m fèarn’ ùr. Iain a’ bhaile so shuas, Gur truagh nach tuigeadh tu ’m bàs: Nach faic thu fear na h-uaille shìos, ’S am feur uaine trid troi’ fàs. Ge mòr leat do ghiùdhrain mhuc, ’S do bhuaile bhuar bhallach, bhreac; Uibhir an ubhaill ge beag, Cha téid do’n uaigh chumhaing leat. A dhuine thruaigh! nach gabh thu eagal; ’M faic thu ’n t-eug thugad ’na ruith; Ionnan’s bhi air bhòrd na h-uaighe, Ged bu tu bu bhuain’ air bith. ’Nuair bheìrear uait an ceann-adhairt, ’S a théid air fradharc do shùl; Cuiridh iad thu sìnt’ air mhaidibh, ’S cha’n ann air leabaidh do ’n chlòimh. Cuiridh iad thu ’n ciste chumhaing, Aona bhrat lìn do bhi mu d’ chorp, Druim do thighe ri cuinnein do shròine, ’S cumhang an teach còmhnuidh dhuit. Trì slatan a dh’ anart margaidh, Théid mu d’ chorp, ’s gur beag a phrìs; ’S bidh do chàirdean, ’s do luchd-comuinn, ’Ga ghearradh mu d’ bhonnaibh shìos. Togaidh iad thu ’n darna-mhàireach, Sluagh m’ an seach a’ dol fo d’ chorp; ’Ille ge mòr leat do mhire, Nìtear cluich’-na-Cille ort. Carbad beag nach bi do snàth Bheir iad leat gu beul an t-sluichd; Làmh na ti bu chaomh air uairibh, Uir gu tiugh ’ga sluaistreadh ort. Bheir iad thu gu beul na h-uaighe Gun neart, gun fhradharc, gun lùths; Do chàirdean a d’ dhéigh gu brònach, ’S fàgar shìos a’ d’ ònrachd thu. A dhuine thruaigh! nach gabh thu eagal, ’M faic thu ’n t-eug thugad ’na ruith, Ionann’s bhi air bhòrd na h-uaighe, Ged bu tu bu bhuain’ air bith. Thogainn Fonn le Cridhealas. ORAN DO MHAIGHDINN UASAIL AIG TAOBH LOCH-AIRCEIG. LUINNEAG.— O, thogainn fonn le cridhealas Air nighinn a chuil cheutaich: Gu sunndach, ceolmhor, innealta;— ’S tu finne nan dragh-bheusan. O’n thanaig mi do ’n bhaile so Cha ghainne ’bha mi ’leughadh; Ach cridhealas is carthunnachd Is geanalachd is ceutaidh. Mo dhurachd aig a Chamaranach, An duine calma gleusda; Toil-inntinn dhuit gu maireannach, Gun anshocair gun eislean. Cha di-chuimhnich mi Ealasaid A mhaighdean bharrail, bheusach; Tha suilbhearachd is ceanaltachd Gun mhearachd ann ad chreubhaig. A ghnuìs am beil a bhoidhchead Is gun leom a deanadh beud duit, Rosg mall mu’n t-suil a’s comhnairde, Mar dhealt an fheoir ’s a cheitean. Tha banalachd is smearalachd An ceangal rùit, is géire; Tha fìosrachadh is aithn’ agad Nach dealaich riut ’s an eug thu. Cha leir dhomh ni do phroìs annad, No goraiche fo ’n ghrein so:— Is ged tha smachd na h-òige ort Gu’n dean thu steornadh reumail. Tha t’ aghaidh soilleir, flathasach, Mar ghathan caomh na greine! ’S gruaidh chaoin air dhreach an roìs agad, ’S am beul a’s boidhche deudach. Do mhuineal tha fìor-thaitneach Cho geal ri canach sléibhe: ’S t’ fhalt dualach air dheagh-ordagh, ’S cho boidheach ris na teudan. Beul binn a labhras fileanta, Gu milis, modhail, beusach; Do ghuth tha leam cho ceolmhor Ris an smeoraich air na geugaibh. Com cumadail, fior-cheanalta, Lan fallaineachd, gun eislean; Ceum fireachail, gun lodalachd, Ach beothail, seocoil, eutrom. Is math thig brogan sailteach dhuit Am fasan ard Dhuneideann; Is stocain ban mar anart Air a chalba gheal a’s reidhe! Tha thu tlachdmhor, comhraidhteach; ’S an comhnaidh ann an reite; Gu fialaidh, ciallach, fabharach Ri aon an càs na h-eigin. Ged ’s iomadh ceum a choisich mi, Bho ’Shiorrachd Rois gu Eirinn, Cha’n fhacas te ’thug barrachd air Og Ealasaid am beusaibh. B’ fhearr leam fhìn gu ’m faicinn thu Aig duine tapaidh, treubhach, Dha ’m bitheadh or is earras, Pailteas fearainn agus feudail. Tha cairdean anns gach ait agad Nach faic ort càs no eigin. Na Camaranaich ’s na Stiubhartaich, Fir chliuiteach ’n am na stréipe. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA An Nasguidh Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus FAIGH FEAR DHIUBH. THA AM BATHAR CHO SAOR ’SA GHABHAS Bathar Math Faighinn. D. J. DOMHNULLACH. [TD 169] [Vol. 5. No. 23. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 12, 1896. No. 23. Aonachd a Chinne-dhaonna. Cha’n ’eil taisbeanadh againn is comharraichte air aonachd a chinne-dhaonna na tha air a chur f’ar comhair anns na cànainearafa leth a tha air an labhairt le luchd-àiteachaidh na talmhainn. Shaoileadh nach nach robh moran coltais aig cuid de na cànainean sin r’a cheile; agus, do ’n chluais no do ’n t-suil neo-chleachdte agus neo-fhoghluimte, cha’n eil, ach air a shon so uile, tha iadsan a stiùir an aire gu sonraichte a dh’ ionnsuidh nan teangannan fa leth, agus a rannsaich agus a lean iad a suas troimh gach sruthan agus caochan, gach abhainn agus alltan ’s an do shruth iad g’ ar n’ ionnsaidh, ag innseadh dhuinn, mar le aon ghuth, gu bheil de shuaip aca r’a cheile, ’s de chomharran orra gu leir ’s a tha ’toirt an dearbhadh a’s do-àicheadh gu’n d’thainig iad gu leir as an aon lochan mhor a chaidh a chur troimh-cheile aig Tur Bhabeil. Cha’n [?] so ach [?] ach cha’n eil am measg uile ionmhasan eòlais an t-saoghail tobar is taitniche no is buanachdaite na e; agus mar is mò a thatar ’ga sgrùdadh, agus mar tha eòlas nan cànainean agus an cuid chaochlaidhean a’ dol am farsuinneachd, tha e fàs na’s soilleire gach latha gu’m buin gach geug agus meangan d’an chraoibh mhoir so, do’n aon fhreumh, agus gu’n do chinn iad gu leir bho aon stoc. Tha an t-abstol ag innseadh dhuinn, an uair a thachair da fein agus da chompanaich a bhi air an tilgeil air eilean nach b’ aithne dhaibh, agus eagal orra nach do rinn iad, a reir coltais, ach dol as o aon chunnart gu bhi air an tilgeil ann an cunnart eile—air an saoradh o’n fhairge gu bhi air an itheadh leis na fiadh-ddaoine; an àite sin gur ann a “nochd an sluagh borb caoimhneas nach bu bheag dhaibh; oir air fadadh teine dhaibh ghabh iad riutha uile, air son an uisge a bh’ ann, agus air son an fhuachd;”agus gheobh sinn a cheart teisteanas aig luchd-turais ann an duthchaibh céin gus an latha ’n diugh—gu bheil am measg moran de na treubhan aineolach agus dorcha air feadh an t-saoghail, iomadh uair ri fhaicinn truacantas agus blàth-chridheachd air nach d’ thugadh bàrr am measg Chriosduidhean fein. Is fior mar thuirt am bard Cowper, anns a’ Bheurla— “Fleecy locks and black complexion Cannot forfeit Nature’s claim: Skins may differ but affection Dwells in White and black the same. Ann an tagradh as leth aonachd a’ chinne-daonna tha sinn a’ cur cul ris a’ bharail mhi-mhisneachail agus bhochd mu threubhan àrda agus mu threubhan iosal,—barail a bhuinneadh air falbh bho chuid d’ ar co-chreutairean an còirichean mar bhràithrean agus mar pheathraichean—clann an aon teaghlaich mhòir,—barail mhearachdach agus sgriosaìl, a dhealbh geimhlean thràillean, agus a thoinn cuip an luchd-sgiùrsaidh anns gach linn,—barail a thuil-chòmhdaich machraichean farsaing America, o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, le fuil a cuid cloinne. Thainig saorsa, ach bu mhor agus bu diubhalach a porìs! Thugamaid an aire, le bhi ’geilleachdainn do ’leithid so de bharail mhi-airidh agus tharcuiseach, nach bi sinn a’ toirt gnùis do ’n teagasg mhearachdach a dheanadh aon chinneach a chur os cionn cinnich eile ann an gnè agus ann an inbh a thaobh nàduir. “Nach ’eil aon athair againn uile? nach aon Di[?] chruthaich sinn? [?]uime a bheil sinn a’ buntainn gu fealltach, gach duine an aghaidh a bhràthair, lé bhi ’briseadh coimh cheangal ar n’ athraichean?” Gu ma fearr leinn a bhi ag amharc ri “linn an àigh,” agus ag oibreachadh air son an àm a thoirt dlùth, anns am bì— “Caoimhneas, comunn, iochd a’s gràdh Anns gach àit am measg an t-sluaigh; Eadar far an éirich grian ’S far an laidh i ’n Iar ’s a’ chuan!” Chaidh robair no fear-creachaidh a mharbhadh anns an Tuirc o chionn ghoirid, agus fhuaireadh air a shiubhal ceithir mile punnd Sasunnach de dh’ airgead, agus leabhar-pòca anns an robh cùnntas aig air a chumail air ceud us ceithir fichead ’sa dha dheug de dhaoine a mharbh e. A Antigonish. Mar bu dual d’ ar sinnsir, air latha Fheill Andrais, dh’fheuch gillean Gàidhealach Oilthigh N. Francis Xavier ris na cleachdaidhean àbhaisteach a chur an céill. Le “bonaid ghorm os cionn na mala,” agus le suaicheantas Comunn an Fhraoich air a bhroilleach, chìte gach òganach a sràid-imeachd mu’n cuairt, cho moiteil ’s ged a bu leis fhein America; agus bu dalma neach a theireadh gu robh an fhior-fhuil Ghàidhealach air fàs fionnar. Oidhche Fheill Andrais bha céilidh aig Comunn an Fhraoich. Chuir iad cuireadh air Comunn Gàidhealach a bhaile, cuireadh a ghabh roinn mhor dhiubh; agus gu dearbh bha sinn toilichte ’m faicinn, oir cha’n eil air thalamh daoine ’s flathaile no ’s rioghaile na Gàidheil Antigonish. So òrdugh na céilidh.— Seallaidhean le solus-aoil. Oran—Soraidh bhuain air chuan air astar, Coisir Comunn an Fhraoich. Leughadh, Iain Mac Isaic. Hail to the Chief, Coisir B. N. C. Comhradh—Alasdair Sgiobalta- Murchadh Mac Illeolain. Domhnull Mac-a-Phearsain. Padruig Mac Neill. Iain Mac Neill. A. C. Mac Illios. Scots wha hae, Prof. Horrigan. O, sid an deoch mhilis, Coisir. Blàr Choille-Chragaidh, A. C. Mac Aonghais. Bithibh aotrom ’s togaibh fonn, Coisir. Leughadh, Raonull Peutan. Auld Lang Syne, Coisir. Rinn na gillean an cuid fhéin gu pongail, deas-bhriathrach, agus thug iad mor thoileachadh do gach neach a bha ’gan eisdeachd. Cha’n eil Comunn an Fhraoich a’ deanamh fuaim mor anns an t-saoghal, ach tha e deanamh ni a tha moran na’s fhearr—tha e cuideachadh ioma gille gasda gu barrachd eòlais fhaotainn air cainnt a shinnsir. Bha dinnear mhor aig Comunn Gàidhealach a bhaile air feasgar la Fheill Andrais. An deigh blasad air na bh’ air a bhòrd, chaidh iomadh òraid ghasda a liubhairt leis na h-uaislean a bha cruinn, ach tha iad ag radh nach robh ni ann bu taitniche na òran Gàilig a sheinn ur seana charaide, Alasdair an Ridse. Ur Caraid dileas, AONGHAS. Chaidh naigheachd a sgaoileadh anns na Stàitean an la roimhe gu robh an Fhraing, Ruisia, us Breatunn, a dol a smachdachadh an Turcaich, ’sa dol a ghabhail riaghladh na h-impireachd ’nan lamhan fhéin. An feasgar sin fhéìn thainig fios á Breatunn ag radh nach robh facal firinn anns an sgeul. ’S iomadh uair a bhatar gu bhi sàs anns an t-Sultan, na ’m b’ fhior cuid, ach cha do chuireadh dragh sam bith air fhathast; agus ’s e ’s dòcha nach deanar sin a cheud-treis. Tha treis a dh’ ùine air ruith o’n chaidh aithris gu robh na Stàitean agus Breatunn an deigh tigh’nn gu còrdadh a thaobh Venezuela. Air an t-seachdain so, fhuaireadh fios gu bheil Venezuela fhéin leagte ris a chòrdadh a rinneadh, agus cha’n eil ni a’s cinntiche nise na gu ’m bi na cùisean a bha ’g aobharachadh na h-aimhreit air an réiteach gun ghuth a thoirt tuilleadh air cogadh. [TD 170] [Vol. 5. No. 23. p. 2] SEAN-FHOCAIL. An ni a Chi na Big, ’s e ni na Big. Anns an t-sean-fhocal, “Bu dual da sin,” chunnaic sinn beachd ar n-aithrichean mu thimchioll feartan cuirp ’us inntinn a bhi ’ruith ’s an fhuil; agus cho daingean ’s a bha ’n creidimh ’n am measg gu’m bu tiugha fuil na bùrn. Tha teagasg eile air a thoirt f’ar comhair ’s an t-sean-fhocal, “An ni a chi na Big ’s e ni na Big,”—teagasg a tha fior chudthromach anns gach àm ’s anns gach àite, ach gu h-araid ’n ar latha-ne an Gaidhealtachd na h-Alba,—agus ’s e sin a’ bhuaidh inntinn a tha anns an duine gu bhi leantainn eisempleir, agus gu sonruichte cumhachd na buaidh thairis air inntinn nan òg. Tha iomadh Sean-fhocal againn a tha dearbhadh an luach a bha ar n-aithrichean a’ cur air Iunnsachadh ’us Foghlum, “Cha’n fhiosrach nach feoraich,” “Deireadh an là, ’s maith na h-eolaich,” “Is trom geum bò air a h-aineol,” “Ma bhitheas aon chron ’s an eolach, bithidh dhàdheug ’s an aineolach,” “Is trom an èire an t-aineolas;”—ged is eigin aideachadh gu’n robh ’s gu bheil na Gaidheil air deireadh air na Goill ’n an eud air son teagaisg cloinne gu h-araid ’s an sgoil. Na ’m b’e so an t-àm ’s an t-àite, dh’ fhaodte aobhar no dhà a thoirt seachad ann an rathad leth-sgeil air son an deigh-laimh so am measg ar luchd-duthcha. ’S e ar dleasdanas an traths’ a bhi ’g amharc air an riaghailt-theagaisg a th’air a chur f’ar comhair anns an t-Sean-fhocal. Cha robh ach aon uair eile ann an Eachdraidh na h-Alba, agus cha robh uair idir ann an Eachdraidh na Gaidhealtachd, a bha inntinnean dhaoine air an dusgadh gu bhi feorach mu’n doigh theagaisg is freagarraiche mar tha iad o chionn beagan bhliadhnachan. Cha ’n ’eil paipeir-naigheachd ’s an amhairc sinn, nach ’eil moran deth air a thogail le Buird sgoilean ’s le Maigstirean-sgoil—an cuisean ’s an connsachaidh. Tha de sgoilean ùra ’g an cur suas, is gu bheil an costas air fhaireachdain trom gu sonruichte ’s a Ghaidhealtachd. Bhiodh e ro fheumail, ma ta, gu’m biodh beachdan soilleir ’us cothromach againn air na ’s urrainn an sgoil a thoirt seachad, ’s air a’ mhodh-theagaisg is freagarraiche ’n ar tìr. Ach cha ’n ann mu “na Big” a mhain a tha ’n Sean-fhocal fior. Tha bhuaidh a tha ’n Sean fhocal a’ cur an cainnt a’ leantuinn ris gach creutair rè am beatha, ged tha i na’s comharraichte anns “na Big.” Ann an rathad a bhi leantuinn eisempleir, tha ’n duine cosmhuil ris a’ chaora. Deanar a cheud bhriseadh, agus leanaidh an duine, mar a’ chaora, ged a b’ ann g’ a chunnart. Is ann o’n bhuaidh so a tha moran d’ar cleachduinean, d’ar beachdan, agus eadhon d’ar n-aidmheilean ag eirigh. Nach ’eil moran diu mu nach urainn sinn aobhar a a thoirt seachad ach gu’n d’ iunnsaich sinn òg iad, no gu’n robh iad aig ar coimhearsnaich? Mu thimchioll an roinn is mo d’ar beachdan, cha’n e “ciod e cho fior,” ach “ciod e cho fasanta” ’s a tha iad is trice a dh’ fheoraicheas sinn. Thug ar n-aithrichean deagh aire do’n bhuaidh so an inntinn an duine, mar tha na Sean-fhocail a’ dearbhadh: “An ni a chluinneas na Big, ’s e chanas na Big;” “Tairgnidh gach neach ri ’choslas;” “Seididh aon sroin shalach an clachan;” “Ma their mi fein ‘thu’ ri m’ chù, their a h-uile fear e;” “Miann an duine lochdaich, càch uile ’bhi amhluidh;” “Is uasal mac an uasail an tir nam meirleach;” “Cuir innte, ’s cuiridh an saoghal uimpe.” ’S e is brigh dha so uile gu bheil an duine gu nadurra teom air Eisempleir a’ leantuinn, co-dhiu tha i maith no olc,—gu bheil buaidh na h-Atharrais am measg nan cumhachdan is bunaitiche ’s an inntinn. Gheibhear an Sean-fhocal so, air aon doigh no doigh eile, anns gach canain ’s anns gach tir. Cha ’n ’eil canain ’s an Roinn-Eorpa, marbh no beo, ’anns nach ’eil neart na firinn a tha ’n Sean-fhocal a’ cur an ceill, air aideachadh “gu minic agus air iomadh doigh.” Chaidh a’ bhuaidh-inntinn a tha ’n Sean-fhocal a’ comharrachadh a mach a mhineachadh ’s a shoillearachadh leis gach fear-teagaisg a ghabh os laimh nadur an duine a’ rannsuchadh ’s na laghannan a tha riaghladh na h-inntinn a’ lorgachadh g’ an cul. Gheibh sinn air uairean inntinn an duine air a coimeas ri ceir, air a bheil an saoghal mar sheula a’ dealbhadh gach smuain ’s gach faireachduin; air uairean eile ri sgàthan a tha ’tilgeadh air ais ceart dhreach nan cuspairean a chuirear fa comhair; ach mar is trice ’n a cumhachd beo; le laghannan suidhichte a’ riaghladh a’ chuirp, a’ stiuireadh na toil, a’ cumadh an t-saoghail ’s a’ deanamh a bheatha fein so thuigsinn do’n duine. Is cainnt shamhlachail so; agus tha e feumail a chuimhneachadh gur ann an cainnt shamhlachail a mhain is urrainn duinn labhairt mu’n inntinn. Cha ’n ’eil ar briathran ach ann an tomhas fior an uair a tha sinn ’g an cleachdadh ann an seirbhis na rioghachd neo-fhaicsinnich so; oir rugadh ’us bhaisteadh iad ’n an iochdarain an t-saoghail mu’n cuairt duinn, agus tha cruth na tire d’am buin iad ’g an leantainn. Ged is e inntinn a thug an Saoghal gu bith, ged bhitheas inntinn buan-mhaireannach an uair a theid an Cruinne-ce ’n a smàl, ged tha sinn a creidsinn nach eil anns a’ Chruthachadh fhaicsinneach ach sgail na h-Inntinn neo-fhaicsinnich a chruthaich e, ’s a tha ’g a chumail suas, gidheadh is ann an cainnt a th’air a cumadh ris na chi an t-suil ’s na laimhsicheas an lamh a tha sinn a mhain comasach air labhairt mu inntinn. A thuilleadh air so, ciod e inntinn innte fein, no ciod e corp ann fein, no ciod e gne a’ cho-cheangail eadar an inntinn ’s an corp, cha tuig mac an duine. Ciod e spiorad, cha leir dhuinn; ’us ciod e feoil, cha ’n aithne dhuinn. Gun teagamh, “is uamhasach, iongantach a dhealbhadh sinn;” agus feudaidh sinn le firinn a radh gu bheil sinn na’s aineolaiche oirnn fein na tha sinn air an talamh fo ar casan, no air na speuran os ar cionn. Ach ged nach eil fios againn co dheth a tha an aitreibh mhiorbhuileach so air a dheanamh suas, tha sinn comasach air eolas fhaotainn air moran d’a feartan a reir mar a tha i na h-oibreachadh ’g a foillseachadh fein duinn. Tha sinn a’ cleachdadh a bhi mar so a’ labhairt mu’n Reusan mar a’ smuaineachadh, a’ breithneachadh; mu’n Toil a’ sonruchadh; ’s mu’n Chridhe a’ faireachduin; ach tha e cosmhuil nach ’eil bunait sheasmhach aig an doigh chainnt so. Bithidh sinn mar an ceudna ’labhairt air buaidhean ’us ceud-fàithean na h-inntinn; ach is cainnt shamhlachail a tha sinn ag uisneachadh. Tha ’n Inntinn gun teagamh, mar is léir dhuinne, “’n a h-uile anns na h-uile;” ach ’n a h-aon, do-roinnte, do-sgarte. ’S e an aon Inntinn do-roinnte, do-sgarte so, a tha ’g oibreachadh air caochladh dhoighean, ’s a tha ’g a foillseachadh fein duinn a’ smuaineachadh, a’ breithneachadh, a’ dealbh, a’ sonruchadh, ’s a’ faireachduin. Tha na roinnean a tha sinn mar so a’ deanamh feumail agus freagarrach, a chum a bhi ’gleidheadh ordugh agus loinn ’n ar n-eolas, agus eadhon ’n ar gnothuichean, ach feumaidh sinn an comhnuidh a chuimhneachadh, gu bheil ar roinnean fior a mhain ann an oibreachadh na h-inntinn, agus nach eil aite aca ann an aitreibh na h-inntinn fein. Bhitheadh e cho ceart duit a’ radh gu bheil uiread lamhan agad ’s a tha de chaochladh ghniomhan ann ris an cuir thu do lamh gu h-ealanta. Cha ’n ’eil ach aon lamh ann; ach feudaidh iomadh ceird a bhi ar an aon laimh. Air a cheart doigh, cha ’n ’eil ach aon Inntinn ann, ged is léir dhuinn a h-oibreachadh air iomadh caochladh doigh. Am measg nan laghannan d’am bheil an Inntinn ’n a h-oibreachadh a’ geilleadh, cha ’n ’eìl aon, ma dh’ fhaodte, a tha faighinn umhlachd cho iomlan, no aig a’ bheil uachdranachd cho farsuing ris an lagh a tha ’n Sean-fhocal a’ cur an cainnt. Tha tus ar n-eolais a’ co-sheasamh anns a’ chomas a th’aig an Inntinn air aire a thoirt do chuspairean a tha cosmhuil ri cheile, ’s an da chuid an coslas ’s an eu-coslas a ghleidheadh air chuimhne. Agus ceart mar a chi sinn gu bheil inntinn an fhir-cheird a’ faighinn toileachas ann a bhi ’leantuinn a dhreuchd, mar a tha ’lamh ag iunnsachadh teomachd; tha gach slighe air an toir thu comas do’n inntinn a bhi ’siubhal a’ fas soilleir d’i; agus a thuilleadh air so, tha gach ceum a bheir thu anns an t-slighe a’ dusgadh suas iarrtas air a bhi ag imeachd innte. Chi sinn mar so gu bheil a’ bhuaidh bhunaiteach, dhiomhair so, a’ filleadh a stigh innte fein cumhachd a tha toirt barantas dhuinn air a seasmhachd. Le cleachduin tha ’n t-saothair a’ fas taitneach, agus tha miann air a ghintinn ’s an inntinn gu bhi ’buanachadh ’s an t-saothair. ’S ann do bhrigh firinn na buaidh so a thuirt an t-aon a bu doimhne ’rannsuich inntinn an duine riamh, nach ’eil ann an Deadh-bheus ach Cleachduin. Agus is ann le fior-fhiosrachadh air neart na ceart [TD 171] [Vol. 5. No. 23. p. 3] bhuaidh a thuirt na Sean-daoine: “’S e ’n t iunnsachadh òg a bhitheas ealanta,” “Is duilich toirt o’n laimh a chleachd.” Cha ’n ’eil ach ceum beag eadar Cleachduin ’us Eisempleir. Is dà phiuthair iad—nigheanan na h-aon Mhathar. An ni a tha thu fein a’ deanamh, ’s e sin do Chleachduin; an ni a tha do choimhearsnach a’ deanamh, ’s e sin d’ Eisempleir. Gheibh thu toilinntinn a’ d’ ghniomh fein le bhi tric ’g a dheanamh; gheibh thu toilinntinn an gniomh do chomhearsnaich le bhi an comhnuidh ’g a fhaicinn. ’S e ’n aon bhuaidh inntinn a ni cinnteach nach diobair thu do Chleachduin fein, ’s gun iunnsaich thu Eisempleir do choimhearsnaich. Tha e so-thuigsinn, ma ta, gu’m biodh buaidh aig a’ bheil aite cho bunaiteach an inntinn an duine, a’ riaghladh a’ chinne-daonna o thoiseach an t-saoghail. Ach tha e dlu air bhi do-thuigsinn, mar tha e gun teagamh do-innseadh, an cumhachd a th’ aig cleachduin ar coimhearsnaich thairis air ar caithe-beatha. Cha mhor an aireamh, agus is coma ged nach mor, a tha cho neo-mhothachail air Eisempleir mhaith no olc ’s a bha clann fir Ruspuinn, ma ’s fior Rob Donn: “Bu daoine nach d’ rinn briseadh iad Le fiosrachadh do chach, ’S cha mho a rinn iad aon dad Ris an can an Saoghal gras; Ach ghineadh iad, ’us rugadh iad, ’Us thogadh iad ’us dh’ fhas; Chaidh stràc de’n t-saoghal thairis orr’ ’S mu dheireadh fhuair iad bas.” “Tha ’n Saoghal air a’ riaghladh le Gliocas, le Ughdarras, agus le Eisempleir;” b’e so beachd duine cho geur ’s cho fiosrach ’s a chunnacas ’s an Roinn-Eorpa o chionn iomadh linn. Agus nach feudar a’ radh gur e, mar is trice, Eisempleir is cumhachdaiche de’n triuir. Nach tric a chunnacas ann an Eachdraidh an t-saoghail tàir ’g a dheanamh air comhairle ghlic, dùlan ’g a thoirt do ordugh an Righ, ach c’uin no c’aite nach faighidh Eisempleir eisdeachd agus umhlachd. Cha’n e Reusan no Reachd, ach Abhaist d’am bheil sinn ullamh gu striochdadh. Cha ’n e Feachd ach Fasan nan Greugach a chiosnaich na Romanaich. Agus o chionn iomadh bliadhna nach e Fasan is cumhachdaiche na Firinn ’s an Fhraing. Ciamar a thuigeas sinn iomadh cleachduin a ghleidh an lamh-an uachdar ann an iomadh duthaich rè iomadh linn, a dh’ aindeoin solus an Reusain, ughdarras an Lagha, agus faobhar a Chlaidheimh, gun a bhi ’cumail air chuimhne buaidh na h-Abhaist thairis air inntinn an duine? Cha mhor dhaoine no chinneach, tha mi meas, a tha toirt barrachd ughdarrais do Abhaist no do Chleachduin, na tha ’n Cinneadh Gaidhealach. Gun teagamh cha ’n ’eil, ’s cha robh sinn cho umhail do lagh na Rioghachd ’s a tha sinn do bheachd ar n-aithrichean ’s ar coimhearsnaich, Is e ar n-uaill nach striochdamaid do chumhachd choigreach; ach nach dearbh moran d’ar cleachduinean ’s d’ar beachdan gu’n d’ thug sinn iomadh uair umhlachd thoileach do chomhairlean faoin, do theagasgan meallta, ’s do eisempleir neo-thoinisgeil ’n ar duthaich fein. Feudaidh e bhi gur ann do bhrigh ’s gu bheil o chionn iomadh ceud bliadhna ar coimhearsnach ro-chumhachdach air ar son, a tha sinn cho amhurusach air gach seoladh ’s gach ordugh a gheibh sinn o’n Ghall. Tha mi de’n bheachd gu’n do chuidich ar n-eachdraidh anns a cheum so cumhachd na tuigse a’ lagachadh ’n ar measg. A dh’ aon ni, cha ghabh sinn ri sochairean fein gun taing. Cha ’n eisd sinn ri Gliocas ma bhitheas claidheamh ’n a dorn. Cha b’urrainn an t-arm dearg a bhrigis a chur oirnn; ach an ni a dh’ fhairtlich air Saighdearan, bha e so-dheanta do Thaillearan. Agus nach eigin aideachadh gu faigh Faoineas fardoch ’n ar measg ma labhras i miodalach ruinn. B’usa leinn riamh beum claidheimh na beum teangadh fhulang. Far nach buadhaicheadh Feachd, bhuannaichdeadh Fanoid. Nach ’eil e fior gun geill sinn do fhear a’ bheoil mhilis, gun a theachdaireachd, a’ rannsachadh ro dluth, air thoiseach airsan a bheir an comhnuidh seachad an fhirinn, searbh air uairean mar a dh’fheumas i bhi. Bha Bard nach cualas ainm a mach á Sgireachd fein a’ gearan air a choimhearsnach air son e bhi ro theom air innseadh bhreug, ach “Dh’ innseadh tu cho briagh iad, ’S nach iarruinn ach bhi d’ eisdeachd,” arsa ’m Bard, ann an rathad leth-sgeil. Tha mi meas gu’n do chuir am Bard sios anns an rann so, cainnt a tha fior mu mhoran d’ar luchd-duthcha. ’S ann mar is trice ann an rathad rabhaidh a chluinneas sinn an Sean-fhocal air a thoirt air aghaidh. Ach tha a theagasg cho fior agus cho feumail ann an rathad misnich. Mar a chi thu Tigh-soluis a’ comharrachadh do ’n Mharaiche an dà chuid cunnart an Rugha ’us tearuinteachd a’ Chaoil; gheibhear Eisempleir a’ tilgeadh soluis air “slighe fhiar nam peacach baoth,” a tha ’treorachadh gu sgrios, ’s air slighe dhirich an fhirein d’ an crioch “a’ bheatha mhaireannach.” Gun teagamh sam bith, cha ’n ann an solus an là, le gaoith an cùl nan seol, ’s aig caladh tearuinte, a dh’ iunnsaicheas am Maraiche an t-seoltachd, a’ chruadail, ’s an earbsadh, a stiuireas long gu sabhailte ri oidhche dhoinneannaich roimh chuan buaireasach, no seachad air cladach cunnartach; ’s cha mho is ann gun iomadh tuisleachadh ’us tuiteam ghoirt, a gheibh an t-Ionracan an inntinn fhallain, na tograidhean cothromach, ’s an toil sheasmhach a bheir tearuinte e roimh amhuinn theinntich na beatha; ach ann an iunnsachadh nan òg, tha e air aideachadh air gach laimh, gu bheil e na ’s freagarraiche eisempleir mhaith a chum a leantuinn a chur f’a comhair, na droch eisempleir a chum a seachnadh. Am measg nan Sean-fhocal a tha f’ar comhair an traths, ’s a tha gu leir a buntainn ri teagasg an t-sluaigh, tha e comharraichte nach eil ach aon, “An ni a chluinneas na Big ’s e chanas na Big,” a’ toirt air aghaidh buaidh Cainnt airson teagaisg; tha cach gu leir a’ toirt f’ar comhair buaidh Gniomh. Bha ar n-aithrichean ceart. “’Se Beul a labhras; ach ’s e Gniomh a dhearbhas.” Tha Comhairle mhaith luachmhor; tha Eisempleir mhaith na ’s luachmhoire. Is ro fheumail Beachdan cothromach; tha Gluasad ceart na ’s ro fheumaile. Chaidh cliu nan Gaidheal air son iomadh deagh bhuaidh am fad ’s am farsuingeachd. Sheirm iad fein i, ’s sheirm daoine eile i. Ach cha b’ ann airson meud ar n-eolais a bhuannaichd sinn cliu am measg nan sluagh. Cha b’ ann ’s an Sgoil a dh’ iunnsaich sinn na cleachduinean a choisinn urram o chairdean ’s o naimhdean. Ach cha robh sinn gun luchd teagaisg ’s an àm a dh’ fhalbh. Bha deagh eisempleir ’n ar dachaidhean; agus bha cliu nan daoine o ’n d’ thainig sinn, an rann ’s an sgeul, gu tric ’n ar cluasan. Ma dh’ fhaodte nach coisneadh an t-eolas so àite urramach dhuinn o’n bhaile; ach gun teagam dheanadh e earbsach gu ’n gleidheamaid an t-àite na ’m faigheamaid e. Tha sinn an dochas gu ’n lean deagh eisempleir na dachaidh; ach tha ’n rann ’s an sgeul air dol a fasan. Bhiodh e duilich mur tig na ’s fearr ’n an aite. “An ni a chi na Big, ’s e ni na Big,”—gu ma fada a bhitheas deagh eisempleir air a’ cur fa chomhair nan òg. “An ni a chluinneas na Big ’s e chanas na Big,”—nach duilich gur eigin a chur an cuimhne ar luchd-teagaisg gu’m feum “na Big” tuigsinn cho math ri cluinntinn mu ’n can iad.—D M’K ’sa Ghaidheal. Chuir àireamh de dhaoin-uaisle á Hamilton, Ontario, gibht de mheasan a dh ionnsuidh na ban-righ’nn o chionn ghoirid, agus air an t-seachdain s’a chaidh fhuair iad fios bho a Morachd a toirt taing dhaibh air son an caoimhneis Ràinig na measan am bòrd rioghail gun ghaiseadh sam bith. ’S fearr dol timchioll na tuiteam ’san dìge. Tha sinn a foghlum ni eigin eadhon o challdachd. Feumaidh iadsan nach cuir ’s an Earrach a bhi ’g iarraidh na deirce ’s an fhoghar. Aig airgead agus ùine tha moran an luach fein. Cha’n urrainn an ti a chuireas an t-aon gu droch bhuil, an t-aon eile ’chur gu deagh bhuil. GILLE TREUN.—Tha gille òg Sasunnach d’an ainm A. W. Eaton ’na chòcaire air carbad-iaruinn ann an Ontario. O chionn ghoirid bha e aon latha aig àite ris an canar an “Soo”, agus chunnaic e bàta anns an robh dithis fhirionnnach agus boirionnach ’ga chur thairis le oiteag gaoithe. Bha am bàta mu dha cheud slat bho thir. Thilg e dheth a chòta, agus shnàmh e mach far an robh iad; rug e air a bhoirionnach air fhalt agus thug e gu tir i; agus an deigh sin chaidh e air ais a rithist ’s shàbhail e an dithis fhirionnach. Chuir iadsan a bha làthair aig an àm airgead cruinn, agus thug iad duais luachmhor dha; agus bu mhath a choisinn e sin. Cha’n eil e ach naodh bliadhn’ deug a dh’ aois. [TD 172] [Vol. 5. No. 23. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI. DESEMBER 12, 1896. Thainig soitheach thairis air an Atlantic o chionn ghoirid a rinn an t-astar eadar Libherpool agus Boston ann an sia latha tri uairean deuga ’s da faichead mionaid ’sa tri. Cha b’ ann air a socair a bha i, agus ’se barail moran nach eil e sàbhailte a bhi ruith nan soithichean mora cho fior luach. Ach cha’n eil teagamh nach eil an t-àm a tighinn anns an deanar an t-astar ann an ùine moran na’s giorra. Agus an uair sin bithear ag amharc air ais orra-san a bha bruidhinn air cunnart an luath-astair so mar a tha muinntir an latha ’n diugh ag amharc air ais orra-san a bh’ ann rompa fein, ’s air an cuireadh soitheach-smùide no carbad-iaruinn eagal. Mar sin tha ’n saoghal a’ gluasad ’s a deanamh adhartais ann an innleachdan, ged a bhiodh e doirbh a thoirt a chreidsinn air moran gu bheil e a deanamh adhartais ann an gliocas no ann am mathas. Chaill Mr. Henry, fear-pàrlamaid ann an Ontario, àite-suidhe o chionn ghoirid a chionn gu’n do dhearbhadh anns a’ chuirt gu’n do phàigh fear de na daoine bha ’g obair air a shon, ceithir dolair do Innseanach air son a bhòt. Dh’ fheuch Mr. Henry fhéin ri cùisean a chumail cho onarach ’sa b’ urrainn da, ach tha e coltach nach b’urrainn da toirt air a luchd-leanmhuinn uile a bhi mar sin, agus a nise tha aige-san ri fulang. Tha an lagh gle chruaidh air luchd nam briob, agus ’sann mar sin bu chòir dha bhi. Thog Riaghladh nan Stàitean soitheach-cogaidh o chionn ghoirid air an d’ thugadh mar ainm an Texas, ach nach eil air tionndadh a mach cho math ’sa bha iad an dùil. A cheud uair a chaidh a feuchainn, fhuaireadh car cearbach i; agus cha’n eil i aìr a dhol dad na’s fhearr o’n uair sin. Chosg i cho fada so còrr math us ceithir muillein dolair, agus tha e doirbh a radh ciod e uiread ’sa chosgas i mu’n deanar soitheach math dh’i. Tha e gle coltach gu bheil moran othail ri bhi anns gach cearna dhe ’n t-saoghal ’nuair a chriochnaicheas Ban-righ Victoria an tri-ficheadaibh bliadhna de ’rioghachadh. Ann am Breatunn bidh co-ainm latha ’crùnaidh air a chumail le greadhnachas mor. Tha uile righrean us iompairean an t-saoghail air an cuireadh gu bhi làthair, agus bidh de dh’ uaislean ’s de dhaoine mora na talmhainn ann rud nach gabh àireamh. A bharrachd air sin tha aig muinntir na dùthcha so ri ni-eigin a chur air chois mar chuimhneachan air faighinn America le Cabot ’sa bhliadhna 1497. Tha mar sin a’ bhliadhna tha tighinn, agus nach eil a nise gle fhada uainn, gu bhi ’na bliadhna iomraiteach. Tha fios a thainig air an t-seachdain so ag innse bu bheil Mr. Gladstone a’ fulang moran le giorr’-analach. Tha còrr us seachdain o’n thòisich e air a bhi draghail dha, ach tha na dotairean ag radh nach eil cunnart sam bith ann dha. Tha e dol a chur a gheamhraidh seachad anns an Fhraing. Bha stoirm mhor ann an Newfoundland deireadh na seachdain s’a chaidh. Bha àireamh shoithichean air an glacadh innte. Bha triuir dhaoine air an sguabadh bhar bord aon soithich ’s air am bàthadh. Bha an t-side gle reota aig an àm. Nathraichean Eirinn. Tha e, mar a tha ’fhios agaibh, ’na sgeula cumanta gu’n do chuir Pàruig an ruaig air na nathraichean á tir na h-Eirionn. Tha e so-thuigsinn do gach neach nach eil an sgeul sin fior ann an seadh litireachail, ach faodaidh e bhi fior gu leòr ann an rathad eile; oir, tha sàr fhirinn aia a cur an ceill anns an sgeul ma’s e ’s gu’n robh na Gàidheil aon uair a’ toirt aoraidh do’n nathair. Ma tha e fior, mar a tha cuid dhiubhsan a tha toirt aire do sheana chleachdaidhean ag innse dhuinn, gu’n robh nathair-aoradh air a chleachdainn am measg nan Ceilteach; an sin tha e da rireadh fior gu’n do chuir Pàruig ruaìg air na nathraichean trìd toirt a steach na h-aidmheil’ Criosdaidh. Cha’n eil aon air bith nach cuala mu dheibhinn na h-altrach a fhuaradh o chionn beagan ùine dlùth air Loch-nan-eala, ann an sealladh tri binneinean Chruachaìn—Ban-righ nam beann. Tha an altair so ma ’s fior, air dealbh nathair mhoìr, agus tha iad ann a tha tarruing uaith so gu’n robh aoradh air a thoirt do’n bhiasd shnàgaich le ar n’athraichean anns na linntean fada thall. Ma ’s e agus gu bheil so fior, oir cha’n eil mi dol a thòirt barail’ a thaobh na cùise, tha e soilleir mar a chuir Pàruig an ruaig air na nathraichean—trid bhi ’na mheadhon air creideimh a b’ fhearr agus eòlas a b’ airde a thoirt a steach do’n dùthaich. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 173] [Vol. 5. No. 23. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha coinneamh cléire ann an Eaglais St. Andrew’s ’sa bhaile so, Di-ciaduin. Tha da àireamh dhe’n phaipear ùr, an Colliery News, air tigh’nn a mach. Tha e ’na deagh phaipear, agus cha’n eil teagamh againn nach soirbhich leis. Bha cùirt na siorrachd ’na suidhe air an an t-seachdain so, a tòiseachadh Di-màirt. Cha robh gin a chàsan ùra air a beulaobh, ach càsan a chuireadh g’a h-ionnsuidh o na cùirtean iseal. Cuiridh e ioghnadh air moran a chluinntinn gu’n deachaidh fiach aona muillein deug gu leth dolair, ($11,500,000) de dh’ òr a thoirt á meinnean Nobha Scotia re nan deich bliadhna chaidh seachad. Tha an soitheach-smuide Tiber air a fastadh le ceannaichean ann a Charlottetown gus luchd coirce a chur a null a Shasuinn. Tha ’n Tiber comasach air ceud mile buiseal a ghiulain. Thatar ag radh gu’n deach muillein barailte de dh’ ùbhlan a bhuain ann an siorrachdan King’s agus Annapolis air an fhoghar so a dh’ fhalbh. Ach mar a chunnaic sinn roimhe, bha na prisean anabarrach iseal. Cha’n eil an soitheach-smùide Harlaw a dol a dheanamh ach aon turus eile air a gheamhradh so. Dh’ fhag i Halifacs Di-ciaduin s’a chaidh air a turus gu Newfoundland us St. Pierre. ’Nuair a thilleas i, gabhaidh i mu thàmh air son a gheamhraidh. Cha d’ fhuaireadh de chuirp nan daoine a chaidh a chall aig bristeadh an t-soithich Ariadne ann an Ingonish o chionn dha no tri mhiosan, ach na fhuaireadh aig an àm. Fhuaireadh làmh duine ann an gainmhich a chladaich, ach cha d’ fhuaireadh sgeul air a chòrr. Thatar a’ fosgladh sgoil-oidhche ann an caochladh chearnan de’n t-siorrachd air a gheamhradh so. Tha sgoil-oidhche ann an Glace Bay ’s am Main-a-Dieu cheana agus thatar a bruidhinn air sgoil fhosgladh ann an Gabarus. Cha’n eil teagamh nach eil sgoilean-oidhche gle fheumail dhaibh-san nach eil comasach air dol dh’an sgoil-latha, agus bu choir an cur air chois anns gach àite ’s an gabhadh sin deanamh. Chaidh mort gràineil a dheanamh ann an Dundas, E. P. I., Di-satharna s’a chaidh. Chaidh duin òg, Gilleasbuig Mc Gowan, as a rian, agus mharbh e boirionnach do’m b’ ainm Mairearad Nic Coinnich, a bha cumail taighe do dhithis bhràithrean, Eoin agus Donnacha Mathanach. Thugadh an aire gu robh Mc Gowan car neònach ’sa mhaduinn. Bha e gearain a chinn an deigh dha eiridh agus an deigh sin thòisich e air bruidhinn car neònach. Chaidh e gu stor a tha ’san àite, agus bha a chuid bruidhne cho mi-rianail ’s gu’n deachaidh dithis dhaoine mach as a dheigh air son greim a dheanamh air. Bha e pios air thoiseach orra, agus gun fhios daibh chaidh e dh’ ionnsuidh an taighe ’s an robh am boirionnach so, a’ tilleadh an ceann beagan mhionaidean ’s tuagh air a ghualla. Rinneadh greim air an sin, agus chaidh a thoirt dhachaidh. Gun dùil aca gu robh dad cearr, chaidh dithis de na daoine gu tigh nam Mathanach, agus an sin fhuair iad Nic-Coinnich ’na laidhe air an ùrlar, agus gearraidhean uamhasach sir a h-amhaich ’s air taobh a cinn, air an deanamh le tuaigh. Bha i fhathast beò ach gun chomas bruidhne. Bha i beò gu feasgar Di-luain, ach cha d’ fhuair i radh ach beagan fhocal. Chaidh Mc Gowan a ghlacadh Di-dònaich agus rinn na dotairean a mach gu robh e as a rian. Cha’n eil ann ach duin’ òg, aois fhichead bliadhna, agus tha e de dheagh chuideachd. Bha am boirionnach bochd a chaidh a mharbhadh leth-ceud bliadhna ’sa coig a dh’ aois. Thug aon soitheach á Shelburne, N. S., tri cheud us tri fichead mile (360,000) trosg gu tir air an t-samhradh s’a chaidh, an àireamh bu mho a chuir soitheach as a phort sin air tir riamh. Tha Caiptean Delisle, sgiobair an Tiber air faotainn saor. Mar a dh’ innis sinn air an t-seachdain s’a chaidh bha e air a chur dh’ an phriosan, ach chaidh an càs a chur gu cùirt a b’ àirde agus fhuair e m’a sgaoil. Tha sinn a’ leughadh ann am fear de na paipearan gu bheil duine a’ fuireach ann an Siudaig a tha còrr us seachd troighean a dh’ àirde. Tha am paipear ceudna ag radh gu bheil àiteachan anns a chuid sin dhe’n eilein anns nach eil diu sam bith de dhuine a tha na’s isle na sia troighean. Tha muinntir Charlottetown a’ cur luchd-reic an stuth làidìr ann an greim. Bha uiread obrach ri dheanamh timchioll air a ghnothuch ’s gu’m b’ fheudar fear-cuideachaidh fhaotainn do chléireach na cùirte. Tha tri duine deug ’sa phriosan aca air son a bhi bristeadh riaghailtean na Scott Act. Thatar an deigh olla fhaotainn ann an cearna de Newfoundland, agus òr ann an cearna eile. Bha iomradh o chionn treis a dh’ ùine gu robh gual air fhaotainn ann. Ma tha gach sgeul dhiubh sin fior, cha ruig Newfoundland a leas a bhi na dùthaich cho bochd ’s na bliadhnaichean a tha tighinn. Tha muinntir Shidni Tuath a’ tòiseachadh air casg a chur air reìc deoch làidir anns a bhaile, ni air an robh am baile, ma tha gach sgeul fior, gle fheumach. Tha trìùir aca ’s an lagh an dràsda, agus tha tuilleadh ri bhi ann an ùine ghoirid. Tha càirdean Stuamachd a’ dol a thoirt oidhearp air an Scott Act a chumail mar lagh ’s an t-siorrachd, agus mar an ceudna dol a dh’ fheuchainn ri toirt air daoine ’n lagh sin a chumail. Chaidh fiach ceithir cheud mile nolair de thaighean ’s de bhathar a losgadh ann an Ottawa, deireadh na seachdain s’a chaidh. Bha an tigh-ceannachd bu mhotha ’sa bhaile am measg nan taighean a chaidh a losgadh. Di-mairt s’a chaidh bha teine ann am Montreal leis an deachaidh tigh a b’ fhiach suas ri naodh fichead mile dolair a losgadh, agus ’s ann le tapadh agus tréine luchd-an-teine a chumadh e o ’n tuilleadh call a dheanamh. Tha na soisgeulaichean, Crossley agus Hunter, an deigh falbh á Sidni, an deigh dhaibh a bhi cumail choinneamhan ann fad cheithir seachdainean. Bha mu dha fhichead coinneamh aca re na h-uine sin. Bha a choinneamh mu dheireadh aca oidhche Di-ciaduin. Bha an t-side fliuch, stoirmeil, ach bha an eaglais cho làn ’sa chumadh i. Thainig mu choig ceud gu bhi ’g aideachadh ri linn nan coinneamhan. Dh’ fhalbh iad á so gu Lunenburg, ’sa mhaduinn Dior-daoin. Dh’ fhalbh bean òg as a Mhèinn a Tuath (Sydney Mines) air an t-seachdain s’a chaidh, a’ fàgail a pàisde ’san tigh leis fhéin, an deigh dha fear a dhol a mach gu ’obair. Dh’ fhalbh i air a charbad-iaruinn á Sidni Tuath còmhla ri duin òg a bha fuireach ’na coimhearsnachd o chionn treis a dh’ ùine. Cha’n eil teagamh nach e teicheadh a rinn iad, Cha’n eil i ach mu fhichead bliadhna dh’ aois, agus cha’n eil ’na fear-pòsda no anns an fhear leis ’n do theich i ach daoine òga. Bha Mr. A. I. Boyde, ceannaiche a mhuinntir Amhuinn Bhourgeois, ann a Halifacs air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaill e ochd ceud dolair air a thurus. Bha mile dolair aige ruigheachd a bhaile, agus thug e do fhear an taigh-òsda e gus a chur dh’an t-safe. Rinneadh sin, agus an ath latha thug e da cheud as, ach an ceann latha no dha eile, nuair a chaidh e dh’ iarraidh a chuid eile, cha robh sgeul shios na shuas air. Chaidh na maoir a chur a lorgachadh a mach na cùise, ach cha d’ rinn sin dad. Chaidh da cheud dolair a chall air a cheart dòigh anns an tigh-òsda cheudna o chionn da mhios air ais. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 174] [Vol. 5. No. 23. p. 6] Cuairt do Eilean a’ Phrionnsa. LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH. An deigh dhomh uair no dha a chur seachad ann am Baile Shearlot, ghabh mi aiseag air bata-smuide gu Belfast. Cha’n eil cuimhne agam ciod an t-astar a th’ eadar an da àite, ach mar a theirear ’s na sgeulachdan “ge b’ fhada bhuam cha b’fhada ’ga ruigheachd.” Bha grunnan math sluaigh air bòrd, agus bha fear no dithis dhiubh gu math cridheil. Cha’n eil an lagh a ceadachadh deoch-làidir a chreic ann am Baile-Shearlot, ach ged nach eil, thatar ris, agus bha fear dhiubhsan a bha ’sa chuideachd so a’ giùlain màileid dhubh anns a robh, a reir mo bharail-sa, barrachd de stuth na Tòiseachd ’sa thigeadh ri slàlnte ’n fhir a bha ’ga giulan. Ged is e ainm Frangach a bh’ air a bhàta (Jacques Cartier), ’se Gàidheil a bha ’san sgiobair ’s ann am fear na h-inneil, agus ann an roinn de’n sgioba cuideachd. Bha ’m feasgar ann mu’n d’rainig sinn Belfast, agus an deigh dhomh mo shuipeir a ghabhail chuir mi m’ aghaidh air na h-Eileanan Coille. Bha treis a dh’ oidhche ann mu’n d’rainig mi. Bha an oidhche dorcha, ach bha i cho blàth ’sa dh’iarradh duine; bha na ròidean math, agus cha robh an t-each fada deanamh an astair. Cha ruig mi leas innse gur ann gu taigh Sheumais ’Ic Ille-mhaoil a dh’iarr mi air an fhear-iùil mo thoirt, agus ’nuair a rainig mi chuir e fàilt us furan orm. Fhuair leughadairean MHIC-TALLA litir us sgeul bho Sheumas uair us uair, agus ’s fhada o’n bha toil agam fhéin fhaicinn. Chunnaic mi e ma ta, agus b’e fhéin an duine còir, caoimhneil. Tha e ann an sid, ma ta, air taobh a deas Eilean a Phrionnsa, ri oir a chladaich, agus gàirich nan tonn ’na chluasan a h-uile latha dhe’n bhliadhna. Tha e air a dheagh dhòigh, ged a tha e fhéin ’sa chéile a nise air fàs sean, agus an teaghlach cha mhor uile air falbh. Fhuair iad tilleadh mor o chionn beagan bhliadhnaichean air ais le bàs am mic air dòigh gle chianail, mar a chaidh aithris anns a’ MHAC-TALLA aig an àm. B’ fhior thoil leam a bhi treis mhath an comunn Sheumais Ailein, mar a their na coimhearsnaich ris, ach bha cabhag ormsa, agus bha esan trang ris a bhuain; gus cùisean a dheanamh na b’ fhior mhiosa, bhrist an inneal-bhuain aige mu na lathaichean ud, cha ghabhadh te eile fastadh, oir bha iad uile ’g obair; agus ’se bh’ ann gu’n deach e ris an obair leis a speal bhig. Cha b’e h-uile fear a bhiodh cho treun, ach nach robh an Gàidheal riamh iomraiteach air son an tréine, agus is Gaidheal gu chùl Seumas A. Mac Ille-mhaoil. B’ fhearr leam gu robh a h-uile fear cho dileas d’a dhùthaich ’s d’a chànain ’sa tha esan. Tha an t-àite so a faotainn ainm bho dha eilean bheag a tha nan seasamh a mach bho’n chladach an so, agus a bha còmhdaichte le coille ’nuair a thàinig a cheud luchd-àiteachaidh do’n dùthaich. Thugadh “na h-eileanan coille” mar ainm orra, agus tha ’n t-ainm sin air leantuinn, cha’n ann a mhàin ris na h-eileanan fhein ach mar an ceudna ris an dùthaich m’an cuairt. Thugadh ionnsuidh o chionn treis a bhliadhnaichean air ais, air an t-ainm atharrachadh gu Woodville, ach cha do shoirbhich leotha. Tha mi tuigsinn uaithe sin gu bheil daoine gòrach aca ann an Eilean a Phrionnsa cho math’ sa tha ann an Ceap Breatuinn ’s an àiteachan eile; daoine nach eil toilichte ’nan inntinn mur eil ainm an àite anns am bheil iad a’ fuireach air atharrachadh gu ainm fuaimneach air chor-eigin a shaoileas iad fein a bhìos anabarrach freagarrach, ach anns nach fhaic muinntir eile brigh no blagh. Tha moran de’n t-seòrs’ ainmean sin a nis anns gach àite, ach tha mi’n dochas nach ann a dol na’s lionmhoire bhitheas iad; ach gu’m bi daoine deònach cur suas leis na h-ainmean a th’ ann, (ma tha coltas idir orra), an àite bhi cùineadh ainmean ùra—gu h-àraidh ma tha buntuinn sam bith aig na seann ainmean ri ceud eachdraidh na dùthcha. An la’r na mhàireach an deigh dhomh na h-Eileanan Coille a ruigheachd, chaidh mi gu Little Sands, naodh no deich a mhiltean an ear. Tha an rathad fad na h-ùine an cois a chladaich, agus tha ’n dùthaich gle chòmhnard; cha’n eil sluic us cnoic ach gle ainneamh. Bha na tuathanaich an teismeadhon na buana, agus bu bhòidheach an sealladh ri fhaicinn na pàirceannan briagha coirce ’s cruithneachd anns an robh na h-innealan-buana ag obair. Tha a bhuain air a deanamh an Eilean a Phrionnsa leis na h-innealan so air fad, cuid dhiubh a thilgeas an sguab na h-ultaich air an làr, agus cuìd eile a bharrachd air sin a cheanglas i. Cha’n eil ach beagan dhe’n t-seòrsa mu dheireadh a dh’ainmich mi anns an dùthaich fhathast; cha’n eil ach beagan bhliadhnaichean o’n thòisich iad air tighinn ann, ach cha’n fhada gus an iad a bhios aig a h-uile duine. Bha mi a feuchainn ri fhaotainn a mach co-dhiubh bu bhuanachdaile do na tuathanaich, ach cha b’e sin am furasd’. Theireadh iadsan aig an robh na h-innealan a cheangladh an sguab gu’m b’ iad sin a b’ fhearr, a chionn gu robh iad a cùmhnadh moran saothair; le bhi ’gan ùisneachadh gu’n deante as aonais luchd-cuideachaidh, agus mar sin gu’n deanadh iad suas na bha iad a cosg a bharrachd air an t-seòrs’ eile, agus na bhatar a cosg de chòrd a’ ceangal nan sguab. Rachadh an fheadhain aig nach robh na h-innealan-ceangail direach an aghaidh sin; theireadh iad gu robh iad, eadar na bha iad a’ cosg a bharrachd air cach, agus na chosgte ri còrd, a toirt a mach moran a bharrachd airgid ’sa phàigheadh tuarasdal fir-ceangail. Mar sin cha’n eil iad ach mar a bha Pàdruig ’sa bhó (nuair a bha iad a sabaid), “car m’an aon rud.” Ach ’s iad na h-innealan-ceangail a tha ’san fhasan, agus tha fhios againn uile gur e ’m fasan a bheir buaidh, agus uime sin cha ruig neach a leas a bhi ’na fhàidh no na mhac fàidh air son a radh nach fhada an ùine gus an iad na h-innealan-ceangail a bhios an cleachdadh anns an eilein air fad. Tha iad a fàs na’s lionmhoire gach bliadhna, agus càch a fàs na’s gainne. Bha ioghnadh mor air cuid de na tuathanaich ’nuair a dh’innis mi dhaibh nach robh na h-innealan ud aca ann an Ceap Breatuinn idir; agus cha bu lugha ’n ioghnadh gu robh tuathanaich an eilein so a’ gearradh an cuid arbhair leis na spealan beaga, agus ’ga chur a stigh gun sguaban a dheanamh dheth idir, Ach cha robh e cur ioghnadh sam bith ormsa. Cha’n eil tuathanaich Cheap-Breatuinn agus tuathanaich Nobha Scotia a togail ach beagan coirce, agus fior bheagan cruithneachd, agus ’nam biodh aca ris na h-innealan ud a cheannach, cha phàigheadh e dhaibh a bhi togail barra idir. Tha iad uime sin a gearradh an arbhair leis an speal-bhig, agus ’ga chur a stigh nar a ni iad air an fheur. Tha tuathanaich an Eilein air an laimh eile a togail mòran coirce ’s cruithneachd; ’s ann ris ann an tomhas mor a tha iad a’ sealltuinn air son am beòlaind. Agus tha iad air an aobhar sin a’ gearradh an arbhair le innealan, a deanamh sguab dheth, agus ’ga chur na adagan air son a thiormachadh; ’nuair a bhios e tioram, tha iad ga chur dh’an t sabhal no ann am barracks gus an tig àm a bhualaidh. Ged a tha ’n da eilean cho faisg air a chéile tha eadar-dhealachadh mor eatorra ann an iomadh dòigh. Ach ’s fheudar dhomh tilleadh gu m’ sgeul, agus direach ’nuair a tha mi deanamh sin, tha mi faicinn gu feum mi stad. Cha’n eil àite aig a chlo-bhualadair air son a chòrr. Fàgaidh mi uime sin na tha agam ri radh a bharrachd air so gu àm eile. Rugadh Commodore Vanderbilt am fear a rinn a cheud mhuillein de’n t-saibhreas mhor a tha ’san teaghlach uaithe sin, direach ceud bliadhna air ais. Cha robh aige tòiseachadh ach casan ruisgte agus pòcaidean falamh, ach dh’oibrich e gu cruaidh o’n bha e sia bliadhna dh’ aois. ’Nuair a bha e sia bliadhn’ deug, bha ceud dolair a dh’ airgead aige. Le sin cheannaich e bàta beag, agus thòisich e air a laimh fhéin air giulan buntata agus tuirneapan agus nithean dhe’n t-seòrsa sin gu New York. Aig fichead bliadhna dh’ aois phòs e, agus an deigh sin bha e fhéin ’sa bhean a deanamh airgeid. Bha esan air ais ’s air adhart leis a bhàta, agus ise ’cumail tigh-bòrdaidh. Tri bliadhna ’n deigh sin b’fhiach e deich mile dolair. An deigh sin thainig an t-airgead g’a ionnsuidh gu pailt—cho pailt ’s nuair a bhrist an cogadh siobhalte mach gu’n deach aig air soitheach a b’ fhiach ochd ceud mile dolair a thoirt da dhùthaich, agus gu leòr aige fhéin air chùl sin. ’Nuair a bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois, bha e air a mheas gu’m b’ fhiach e tri fichead us deich muillein dolair ($70,000,000). Cuidichidh bioranan beaga nis fearr na feadhain mhòra chum an teine ’bheothachadh [TD 175] [Vol. 5. No. 23. p. 7] A Braigh Shiudaig. FHIR-DHEASACHAIDH UASAIL,—Cha mhinic a ruigeas guth as an àite so cluasan MHIC-TALLA, ach an uair ainneamh a ruigeas, tha mi ’n dòchas gur fiach leis a fhreagairt. Ach ochan! nam b’e a sheanair fein a bhiodh ann, bhithinnse gle chinnteach as mo fhreagairt, ach ’s math gu’n do dh’fhalbh na lathaichean anns an robh mac-talla cho gòrach ’s gu’m freagradh e le uile neart a h-uile guth a chluinneadh e, co dhiu bhiodh ann math no dona. ’S fheudar gu robh fior nàdur a Ghàidheil ann co dhiu, mu’n do chum e mheodhar ’s a chlaistneachd cho fior mhath, riabh as roimhe, gun dol idir air ais, ach a tighinn air adhart fad na h-ùine, gus an d’fhuair e le mor dhichioll, dh’ ionnsuidh na staid ’sa bheil e’n dràsda. Tha mi fhin an dòchas gu soirbhich gu math leis tre uile làithean a bheatha, ’s gu’m bi a chàirdean a dol an lionmhorachd ’s a naimhdean a dol an lughad gu bràch. Tha tuathanaich an taobh so gle mhath dheth thaobh biadh bheathaichean. Tha feadhain a bha gle ghann an uiridh, am bliadhna ’s an saibhlean làn; agus cha’n e sin a mhàin, ach mullan aig sabhal gach fir dhiubh. Dh’fhàs gach seòrsa gràin gle mhath an rathad so. Bha ’m buntata gle mhath cuideachd, ach ghrod mòran dheth san talamh, mu’n gabhadh e faighinn a stigh. Tha e coltach nach urrainn a h-uile sian a chuireas duine bhi cho math ’s cho math a h-uile bliadhna; leis a sin feumaidh sinn a bhi riaraichte leis mar theid a chur oirnn. Tha mi creidsinn gur fhearr gabhail le litir ghoirid an dràsda na diumb an fhir a tha sa chreig a chosnadh. ’S mi do charaid dileas, A. P. Mu’n deach e dh’ an Sgoil. Bha seann duine bochd aon latha ’g obair air rathad mor na sgireachd, agus fhuair e poca beag, dubh, a thuit mar a shaoil leis, á carbad a bha ’dol seachad. Thug e dhachaidh am poca, agus thug e d’a mhnaoi e, ag iarraidh oirre a ghleidheadh gus an taoghladh cuid-eigin ’ga iarraidh. Beagan laithean an deigh sin, thuirt a bhean ris, “Iain, tha ’n t-am agad a nise bhi sgur a dh’ obair; tha thu air fàs sean, agus tha mi smaoineachadh gu’n teid againn air a bhi suas tuilleadh air na chuir sinn m’a seach. Ciamar a chòrdadh e riut,” ars ise, “a dhol dh’ an sgoil a dh’ionnsachadh leughaidh? na’n rachadh agad air leughadh a dheanamh cha’n fhairicheadh tu an ùine cho fada ’nad thàmh.” Smaoinich Iain gu’m biodh sin ’na ghnothuch gle mhath, agus thòisich e air a dhol dh’ an sgoil. Cha deach e innte ach dha no tri lathaichean; bha na sgoilearan òga ’ga shàrachadh agus b’fheudar dha fuireach aig an tigh. Beagan ùine an deigh dha sgur, thainig duin-uasal a stigh feuch am faigheadh e forthais air a phoca-dhubh. “O” ars’ Iain, “fhuair mis’ e.” “Fhuair thus’ e?” ars’ a bhean, “agus cuin a fhuair thu e?” “Nach eil cuimhn’ agad idir?” ars Iain, “fhuair mi e mu’n do thòisich mi air a dhol dh’an sgoil.” “Mu’n do thòisich thu air a dhol dh’an sgoil,” ars’ an duin-uasal, “ma ta, feumaidh gu robh sin treis mhath mu’n do chaill mis’ am poca,” agus dh’fhalbh e. Tha am poca-dubh an tigh Iain fhathast. Tha beul-aithris nam Mahomedanach ag innse dhuinn gu’n do ghiùlain càmhal am fàidh mor Mahomed o Irusalem gu Mecca le ceithir leumannan. Ach a dh’ aindeoin sin, cha’n eil anns a chàmhall ach beothach gle mhall ’na shiubhal—cha’n eil e comasach air a dheanamh ach mu choig mile ’san uair, agus ma theid a chur na ’s luaithe na sin, bidh e cunnartach, mar a their na h-Arabaich, gu’m bristear a chridhe, ’s gu’m bàsaich e air an t-slighe. ’N uair a theid a ghreasad tuilleadh ’sa chòir, laighidh e, agus cha toir na tha ’mhadaidh-alluidh an Asia air eiridh. Fanaidh e far an laigh e, agus far an laigh e, bàsaichidh e. Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. [TD 176] [Vol. 5. No. 23. p. 8] Oran Air gaisge seilge a rinn Baillidh Bharra, le Eachann Mac Neill, Fear-Bhatarsa am Barra. LUINNEAG. Ho ro, mo run an t-uasal A dhireas suas ri cruach nan ard-bheann; Ho ro, mo run an t-uasal. Chaidh mi leat do ’n eilean fhiadhaich ’S ma chaidhidh bu bheag mo mhiann air; Mur bhi thu fein ’s beul na firinn Bhiodh buidheann na fridhe sabhailt. Chuir thu ’n Spainteach air an t-sorchan; Chaog thu ’n t-suil, ’s bi sail an t-sealgair; Dh’fhalbh a ghreidh ’nuair chual i ’n urchair; Air mo laimhsa dh’ fhuirich pairt duibh. Sin an urchair a bha smearail: Rinn i tairneanach is torrunn; Ghluais creagan is mointeach Bharra; ’S chaidh crith air fearainn Chlann-Rànuill. Bha mi latha leat air astar Gun ghunna, gun chuil-bheir againn, ’S chunnaic sinn greiseag bhuainn baidnein, Mar gu ’m biodh gaisgich am blar ann. ’N uair a thainig sinn g’an ionnsuidh Bha ’n so na feidh anns a bhuireadh; Thug iad annad ’s thus thu annta, ’S bha buidheann nan stuc-cheann craiteach. Na saoilibh gur breug a th’ agam No gur ’th’ann tha mi ri magadh; Spion e bho sheachd daimh na cabair A mullach an claignibh arda! Gu ’m b’ e sin a chulaidh eagail, ’S e caitheamh a leine ’s a pheiteig; Dheanadh e bogan de chreagan ’S na cnoic nan eabar fo ’shailtean. A chuid bha beo thàr iad as bhuait Air an dalladh le do sgealpaibh; Gu ’n d’ at an suilean fo ’n rosgaibh, Le slachd-bhuillean bras a bhaillidh. Sgoilearachd na Poit. Fonn—Copenhagen Waltz. Ma bhios duine fuireach Fada mach ag òl, Oidhche shleamhainn reòt’, Caillidh e a threòir, Agus bidh e, bharrachd, Ann an cunnart mòr Tuiteam air a shròin air an làr: Géillìdh a dha spòig, Sléuchdaidh e do’n Phòis, Caillidh e dha bhròig, Bidh e sin na spòrs Aig na giullain bheaga, Mheara, bhinneach, òg, A bhios ri òb-òb, air an t-sràid: Ni iad cròithlein mu’n cuairt, Agus cuiridh iad gruaim Air a’ mhisgeir bhochd, thruagh, A bhios gu buileach air neo-urrainn Teachd ’n an dàil! Aig na gillean inich A bha anns an Ròimh ’S ann a’ Ghréig, bha nòs, Mar tha sgrìbhte fòs, Toirt air tràillean bochda Boslaichean dibh’ òl; ’Nochdadh do’n chloinn òig An droch ghnàiths. Gu’m bu ghasd’ an dòigh Bh’aig na daoine còir;— Ach ’s e beachd an t-slòigh Tha ’s an eilein mhòr s’ Nach robh annt’ ach amadain, Gun fhios, gun eòl, ’Toirt soluis pòit do’n cuid tràill’: Chuir iad car anns an rian Rinn na gliocairean crionnd’, Agus òlaidh iad fein anis am fion ’S an t-uisge-beatha ’n àite chàich! Gur a h-olc ’s gur bochd An cleachdadh a chi clann ’N uair a tha iad fann, ’S gun an tuigs’ ach gann, Aithrichean air mhisg ’S air mhearaichinn fo ’n dràm, ’S iad a lùgh droch cainnt’, ’S ri droch ghnàs! Cha ’n eil smid no drannt A thig as an ceann, No droch phratan cam, Nach grad-thog a’ chlann, ’S fàsaidh iad gu deimhinn, dut, Mu dheireadh thall, Anns a h-uile ball mar bha cach! So tha fàgail cho truagh Ar dùthcha ’s ar sluaigh, Tha Rati air buaidh a thoirt gu buileach ’S rinn e de gach duine traill. Tha fathunn air tighinn á Hawaii gu bheil an t-eilean sin gu bhi ’n ùine ghoirid air aonadh ris na Stàitean. Thatar ag radh gu bheil cumhachan an aonaidh ’gan ullachadh ann a Washington, agus gu bheil Cleveland air fear dhiubhsan a tha ’gan dealbh. ’S iad muìnntir nan Stàitean a bhuin an t-eilean bho na nàisinnich o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, agus ’siad a tha ’ga riaghladh uaithe sin. Cha’n eil e uime sin ro choltach gu’n cuir dùthchannan eile bacail sam bith orra ma tha toil aice an t-eilean aonadh ri ’n dùthaich ’fhéin. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c, no tri airson dolair. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA An Nasguidh Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus FAIGH FEAR DHIUBH. THA AM BATHAR CHO SAOR ’SA GHABHAS Bathar Math Faighinn. D. J. DOMHNULLACH. [TD 177] [Vol. 5. No. 24. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 19, 1896. No. 24. An Gaidheal ’s a Dhuthaich. (An t-òran a choisinn an duals a b’ àirde aig a Mhòd Ghaidhealach ann am Peart.) LE RUAIRIDH FRISEAL MAC-COINNICH, FORTROSE, DUINE MHUINNTIR GHEARRLOCH. ’S fhada o’n tìm dh’ fhàg mi mo thir, Dh’ fhalbh mi gu sgìth, brònach; Thriall mi ’thir chein, gun charaid gun cheil’, Am breislich ’s an eu-dòchas; Chaill mi mo stà, theich uam mo chail, Dona gach la dhomh-sa, ’S mi airsnealach, traugh, ’seòladh a’ chuain, ’N aimsir gu fuar, reòta. Ràinig mi thall, ’s ghuil mi gu trom, ’Tuireadh nan sonn àluinn— Cuideachd mo ghaoil, Gàidheil an fhraoich, An teanntachd fo dhaors’ chràitich, Iadsan fo smachd—ochan mo chreach!— Naimhdean ’s luchd brath làmh riu,— Le laghannan cearr ‘rinneadh le namh, Muinntir mo ghràidh sàraicht’ Chaithris mi dian iomadaidh bliadhn’ ’Feitheamh ri sgial fàbhoir ’Thigh’nn thar an t-sàil á dùthaich nan ard ’S nan coireacha blàth, àillidh, Thainig fadheòidh naigheachd a’ m’ choir A chuir orm pròis àraid— Gaisgich nan gleann ’togail an ceann ’S ’briseadh nam fang thàireil. Cànain is briagh ’g ùrachadh miadh, Gàidhlig ’bha riamh cliùiteach, Curaidhean còir ’cumail oirr’ dòigh, Sean agus òg fiughail; Cànain ’tha blasd’, cànain ’tha glan, Cànain ’tha senn, siùbhlach, Cànain mo shluaigh, eànain ’bhios buan, Cànain ’bha uair cùirteil. Sin an sgeul grinn ’thoilich mo chrìdh’ ’S ghluais mi gu seinn òrain, Leum mi gu h-àrd, ealamh air làr, ’Seasamh air bàrr m’ òrdaig; Thog mi mo ghuth, fonnmhor, neo-thiugh, Thréig gach leann dubh ’s bròn mi Thug mi ’s an àm car air an danns’, ’S na ’m biodh ann dram, dh’ òlainn. Mo mhiann-sa ’bhi ’n dràsd an dùthaich mo ghràidh, ’Ga cobhair gu àrd-shaorsa, Ma dh’fhuil’geas mo shlàint, ’s gu’n triall mi gun dàil Gu fearann a’s fearr daoine; Mo chridhe bi calm’, gun eagal roimh stoirm, ’S mi tilleadh gu Alb’ chraobhaich; Gus an teid mi ’s an uaigh ’s i ’n tìr ud mo luaidh, Biodh oirre deadh bhuaidh daonnan! Comunn Saoraidh an Fhearainn. Tha an comunn so ann an Gàidhealtachd na h-Alba, agus ’se ’s rùn dha am fearann a tha nise aig na h-uachdarain fo fhéidh ’s fo chaoraich a thoirt air ais do’n t-sluagh. Tha sinn a toirt na leanas á litir o bhall de’n chomunn, a thainig a mach anns a Highland News o chionn seachdain no dha air ais. Bheir e beagan eòlais do Ghàidheil na dùthcha so air cor na Gàidhealtachd, agus na tha an sluagh a feuchainn ri dheanamh air son an cranchur a leasachadh. “Mar chomunn tha sinn ’n ar ’n aon. Beachdaicheadh-maid, car ùine bhig, air na slabhraidhean a tha g’ar ceangal a chum’s gu’m bi sinn g’ar neartachadh. Tha aon CHREIDEAMH againn. Tha’n saoghal a creidsinn ma ghlacas neach air bith fearann, de air bith an doigh air an dean e sin, le fuil na muinntir aig an robh e a dhòrtadh, le ainm ’thoirt do’n righ mar an t-uachdaran, no le airgiod a phàigheadh air a shon, gu’m bi am fearann sin leis féin agus le oighreachaibh gu bràth. Tha sinne ’creidsinn gu bheil còir-bhreth aig gach neach ’s an talamh agus gur còir dha bhi air a chur gus an fheum is feàrr air son a chinne-daon’. Tha’n saoghal a creidsinn gur h-e ar-a-mach, agus an-diadhachd a th’ ann do dhaoine an guth agus an làmhan a thogail an aghaidh nan uachdaran gu bhi a daighneachadh an còir gu siorruidh air an fhearann. Tha sinne ’creidsinn gur h-e ar dleasanas, cha’n e a mhàin le ar bilibh a ràdh “Ar ’n Athair, deanar do thoil air an talamh, mar air neamh,” ach le ar làmhaibh oibreachadh ’chum na crìche sin. Tha na h-aon DEUCHAINNEAN againn. Fo chreach agus fo sgiùrsa na h-uachdaranachd tha ar càirdean, ar luchd-daimh agus eòlais air an sgapadh, na’n diobaraich, gu ìomall an t-saoghail. Agus iadsan air na sgeiribh cruaidh ’chaidh fhàgail, cha’n e an cor is fearr. Ma ghabhas sinn ri beachd an t-saoghail air na nithe tha dol air an aghaidh ann ni sinn mearachd mòr. “Is an-aoibhinn dhuibh oir tha sibh a togail àitean-adhlaic nam fàidhean agus is iad ur n-aithrichean a mharbh iad.” Na ceart dhaoine ’mholas Maois air son a làmh a thogail an aghaidh an fhir mhillidh, cainidh iad sinne ma thogas sinn ar guth na aghaidh. Tha na h-aon NAIMHDEAN againn. Na smuainicheabh gu’n leig ar naimhdean sith no fois leinn gus am foghlum iad air an cosd gur h-e dochann a dheanamh air aon de na buill, an comunn uile chiùrradh. Bithidh ar neart a ghnà a réir ar neud air son maith a chéile. Tha’n aon OBAIR againn. ’Se sin gach uile dhìchiol agus gach uile chùram a ghnàthachadh gu bhi g’a chuartachadh gu’m bi am fearann a tha nis fàs fo fheidh ’s fo chonnainich air àiteachadh le cloinn nan daoin’, gu’m bi sith air thalamh ’us deagh-ghean a measg dhaoine. Cha’n eil buntainn aca-san ris a chomunn so a phaisgeas an làmhan agus a their—“Ma gheibh sibh féin rud gheibh sinn’ e.” Tha an aon DOCHAS againn. Tha’n saoghal a faicinn nan uachdaran ann an seilbh, air an daighneachadh ann leis na laghan a rinn iad fein. Tha e ’faicinn nan slòigh, le cinn rùist’, a cromadh sios ann an umhlachd dhoibh. Air a shon sin cha’n eil dùil no dòchas aige gu’n caill iad a chaoidh an greim a fhuair iad. Air a shon sin ’s e glaodh an t-saoghail—“Cha’n ’eil righ againne ach Caesar.” Ach againne tha dochas gu’n eirich fathast òigridh thapaidh a bheir blàr do na spùineadairean agus le buaidh a dh’ aisigeas am fearann a chuir iad fàs, do’n t-sluagh air son an do chruthaich Dia e. Tha maighstir-sgoil Gàidhealach coltach ri banarach a bhitheadh a’ beathachadh da laogh, laogh Gallda agus laogh Gàidhealach. Tha ’darna làmh agus a ghogan ’ga cumail ris an laogh Ghallda, agus slat ’san laimh làimh eile. Tha an laogh mòr Gallda agus a bhus fo chobhar, a’ crathadh earbaill; agus an laogh eile seang ’san deireadh agus caol ’san amhaich, agus balg mor air mar mhàla pioba, cha’n ann làn de bhainne ach làn gaoithe agus ged a bheir an truaghan bochd oidhearp air a bhus a chur anns an t-soitheach gheibh e sguidse de’n t-slait. Cha’n ’eil fodha ach a theanga chur a mach a dh’ imlich a bheòil, a miannachadh a ni nach faigh e. ’S cha’n e a mhàin sin ach is ann a bhitheas a’ bheist mhòr, a’ purradh a chreutair bhig, ni a tha toirt mòr riarrachadh do’n bhanaraich; ach coma leibhse nam faigheadh an creutair beag a dhiol mar am fear eile, cha’n e a mhàin gu’n rachadh e gu guineach na charamh ach chuireadh e an teicheadh air a’ bhoganach mhor Ghallda mar an ceudna.—An t-Urr. Gilleasbuig Mac Fhearchair, 1873. Tha duin’-uasal a mhuinntir na Gàidhealtachd, Sir Daibhidh Hunter Blair, o chionn àireamh bhliadhnaichean ’na mhanach, agus chuir e seachad treis a dh’ ùine ann an tigh mhanach ann am Brazil. Tha nise oighreachd a shinnsearan air fhàgail aige, agus tha e tigh’n dhachaidh, ach tha e ’na cheist an ceadaich a bhòidean mar mhanach dh an t odal a tha ’n ceangal ris an oighreachd a ghabhail. [TD 178] [Vol. 5. No. 24. p. 2] CEUD LAITHEAN AMERICA. Nuair a fhuair Columbus a mach America bha sluagh na duthcha aineolach air iarunn; ach chunnaig na Spainnich mailleagan òir ’n an cluasaibh agus thuig iad gun d’ thainig an t-òr bho thir gu deas. Uime sin stiuir Columbus gu deas; agus an uine ghoirid, an deigh iomad eilein beag fhaicinn, rainig e innis mhor Chuba. Sheol e sear an sin gus an d’ rainig e ceann shios an eilein. Fhuair e mach gun robh òr air an eilein ach gun robh e na bu phailte an eilein eile taobh na h-aird an ear. Chaidh e air tòir an eilein so; agus fhuair e mach Haiti a dh’ ainmich esan Hispaniola (an Spainn Bheag) ris an abrar an nise San Domingo. Bha na h-Innseinich a teicheadh uapa le eagal; ach an deigh do na Spainnich fear dhiu a theasraiginn bho bhàthadh, ghlac iad misneach agus chuairtich iad na longan ’n an sgothaibh. Fhuair na Spainnich meas us òr uapa am malairt airson mirean de ghloin dhaite agus nithean eile air bheag brìgh. Stiùir Columbus an sin sear, agus an uine ghoirid bhuail an Santa Maria air sgeir, agus chaillear i; ach shaorar e fhein ’s a dhaoine; agus chaidh iad air bord na Nina. Thog e an sin daingneach le fiodh na Santa Maria anns an d’ fhag e ochd fir dheug air fhichead agus dh’ fhalbh e air a thurus dhachaidh le beagan Innseineach ’n a chuideachd. An deigh e bhi am mòr chunnart bho ainneart cuain, rainig e Palas am meadhon a Mhàrt. Ghabh iad ris an sin le mòr aighear; agus air a thurus gu baile-mor Bharselona, far an robh a chùirt ’s an am sin, bha sluagh a ruith as gach taobh g’ a fhaicinn. Dh’ aithris e do ’n righ ’s do’n bhan-righ gach ni a thachair; agus dh’ fheuch e dhaibh na h-Innseinich agus an t-òr a fhuair e. Bha iad ro aoibhneach gun do shoirbhich a chuis; agus dhaingnich iad da gach coir a’s urram a thug iad da air tùs. Chaidh cabhlach de choig longan deug uidheamachadh a nis leis an do sheol e bho phort Chadis mu mheadhon an fhogharaidh, ’s a bhliadhna 1492, marrai coig ceud deug pearsa a bha dealasach air òr a’s cliù. Sheol e gu deas air cursa a cheud turuis; agus toiseach a gheamhraidh, chunnacas eilein do ’n tug e an t-ainm Dominica, cheann gum b’ ann air an Domhnach a fhuair iad a mach e. Stiuir iad an sin gu tuath; agus aig eilein Ghuadalupe, chunnaig iad le h-uamhas, feoil dhaoine ‘ga rosdadh airson cuirm. B’ iad na Caribean, daoine ro bhorb, alluidh, a bha ’g aiteachadh nan eileinean sin, anns an do sgaoil iad bho thir-mor America-mu-Dheas. Sheol iad a nis gu Hispaniola far an d’ fhuair iad a mach gun do loisg na h-Innseinich an daingneach agus gun do mharbh iad gach neach a dh’ fhag Columbus ann. B’ iad eucoir a’s ainneart na Spainneach fhein aobhar an sgrios. Thog e an sin baile air an d’ thug e ainm na ban righ, teann air beinn Cibas, far an robh moran òir, a reir aithris. Chaidh e uise gu Cuba; agus sheol e astar mor suas air taobh deas an eilein. Bha e a faoineachd mu òr; agus fhreagair daoine na tire le comharaibh, gum faighear sin an duthaich fharsuing gu deas. Uime sin stiuir iad air an t-slighe sin; agus an uine ghoirid, chunnaig iad eilein mor Jamaica, le bheanntaibh arda, gorm ’s a choilltibh aillidh. Bha an sluagh n’ a bu cholgaire na gu tuath; agus bha sgothan aca air an dealbh a aon chraoibh deich troidhean fichead air fad. Ach cha d’ fhuaras òr ’s an eilein. Uime sin thill iad gu Cuba; agus sheol iad suas mar air tus. Bha Columbus am barail gum b’ ann de thir-mor Asia Cuba, gu latha a bhais. Cha robh fios aige riamh gun d’ fhuair e mach saoghal ur, agus gun robh cuan mor farsuinn eadar e a’s Asia. Bha e ’n duil gun rachadh aige air an Roinn-Eorpa a ruigheachd le seoladh siar air an airde sin. Ach chaill a dhaoine am misneach agus bha a longan an cunnart dol nan sgealbaibh; agus b’ eiginn tilleadh, nuair a bha e teann air ceann shuas an eilein. Thog cruadal agus iomaguin trom-ghalar a nise do ’n cheannard, air dhoigh ’s gun robh e dluth do ’n bhas. Ach nuair a rainig e Hispaniola thachair e air a bhrathair, Parlan, duine tapaidh, misneachail: agus thug so faochadh dha; agus fhuair e slainte. Ach cha robh a chor sona. Bha neart de na thainig a mach mar ris an duil gum faigheadh iad pailteas òir agus gach ni fiachail gun dragh no saothair; agus nuair a fhuair iad a mach nach robh a chuis mar sin chuir iad a choire air Columbus; agus sheol cuid diu sin gu diomhair do ’n Spainn, far an d’ rinn iad casaid chruaìdh ris a chuirt ’n a aghaidh. Uime sin chaidh duine d’ am b’ ainm Iain Aguado a chur a mach chum a chuis a rannsachadh. Bha an duine so ’n a namhaid do Cholumbus; agus thug e cluas do gach ni a chaidh agairt ’n a aghaidh. Uime sin thill Columbus mar ris do ’n Spainn. Nuair a rainig e a chuirt bha cuid a labhairt ’n a aghaidh, agus a deanamh tàir air a ghniomhaibh. An sin fhuair e ubh, agus dh’ iarr e orra an t-ubh a chuir ’n a sheasamh air a cheann. Nuair a dh’ fhaillnich orrasan sin a dheanamh, ghabh esan an t-ubh, agus thug e gnogag dha, agus mar sin chuirear an t-ubh air ball ’n a sheasamh air a cheann. “’S urrainn do neach air bith sin a dheanamh,” ars iadsan. “An deigh dhomhsa a dheanamh,” ars esan. Dh’ fheuch e an sin do ’n chuirt aobhar an draigh agus an doigh ’s am bu choir buntuinn ris na daoine a chaidh mach, air chor ’s gun do chuir e eascairdean ’n an tosd. An ceann da bhliadhna dh’ fhalbh e air a threas turus, le sea longaibh. Stiuir e nise fada gu deas; agus uime sin fhuair e mach tir-mor America-mu-Dheas, agus amhuinn mhòr Orinoca. Bha esan am barail gum b’ i sin amhuinn Gihon an gàradh Eden. Sheol e ’n sin gu tuath; agus nuair a rainig e Hispaniola bha cuisean ro aimhreiteach; agus ’s e thainig a sin gun do chuirear esan do ’n Spainn ’n a phriosanach fo gheimhlibh. Nuair a chualas so air feadh na rioghachd, bha daoine gu mor a coireachadh mar a chaidh buntuinn ris; agus chaidh a chur gu h-aithghear fo sgaoil. Ach chuir Ferdinand fear-dreuchd eile ’n a ait, agus cha d’ fhuair e ceartas gu latha a bhais. Dh’ eug e am baile Bhalladolid air an fhicheadamh latha de ’n Mhaigh ’s a bhliadhna 1506, aosmhor agus bochd, mar a bha e ’g asluchadh am facail nan Salm, “Ann ad laimhse tiomnam mo spiorad: saor mi, a Thighearna Dhe na firinn.” ’S a’ bhliadhna 1497, sheol Iain Cabot, mar ri mhac Sebastian, á Bristol, an Sasunn le da long agus tri chead maraich, fo ughdarras Eanric a Seachd, Righ Shasuinn. B’ Eadailteach Cabot, ach bha è a’ tuineadh am Bristol. Air a’ cheathramh latha fichead de mhios a’ Chéitein, chunnaig iad eilein mòr Newfoundland. Sheol iad an sin siar; agus an uine ghoirid rainig iad tir-mòr America mu Thuath, bliadhna mus am faca Columbus tir-mòr America mu Dheas. Stiuir iad a nise gu tuath, gus an d’ rainig iad an talamh reòta. Bha iad a’ runachadh Asia a ruigheachd: ach o’n nach fhac’ iad caolas troi an seoladh iad, thill iad gu deas, agus lean iad oirthir America mu Thuath, gus an d’ rainig iad tir-thiorail. On a bha am biadh a’ teannadh gu deire, agus na maraichean a’ fas ceannairceach, thill iad an sin do Shasunn; agus rainig iad Bristol toiseach an fhaoghair. An toiseach na bliadhna 1517, sheol Fransis Cordobha á baile mòr Habhana, an Cuba, le tri longuibh,—agus fhuair e mach mòr-roinn Iucatan. ’N uair a bha e dol air tìr, thainig coig bàtaichean de shluagh na tìre da ionnsuidh. Chuir iad sin ionghnadh air na Spainnich: oir bha iad air an cluthachadh an aodach cotain, agus bha ’n sluagh a chunnaig iad roimhe ruisgte.* Sheol iad an sin sear, gus an d’ rainig iad Campitsi, far an deach beul ri leth-cheud diu a mharbhadh leis na h-Innseinech ’n uair a bha iad air tìr air son uisge: agus chaidh Cordobha fhein a leonadh gu trom. Uime sin thill iad do Chuba, far an d’ eug Cordobha bho lotaibh. Beagan roimhe sin, ’s a’ bhliadhna 1512, dh’ fhalbh Iain Ponse Leon bho eilein Phorto Rico, far an robh e ’n a fhear-riaghlaidh, le tri longaibh, air toir “Tobar na h-Oige,” air an robh mor iomradh. A reir na h-aithris, bheireadh uisge an tobair sin neart agus ath-nuadhachadh oige do gach neach. Sheol e am measg innsean Bahama; ach cha d’ fhuaras an tobar. Stiuir e ’n sin sear; agus an uine ghoirid, chunnaig e, a reir a bheachd, eilein mòr, air an d’ thug e Florida mar ainm, on a bha ’n talamh * Chunnaig Cabot Innseinich Newfoundland, roimhe sin, air an eideachadh le bianaibh fhiadh-bheothaichean, mar a bha sluagh nan duthchannan fuara gu tuath: ach cha robh eolas aig na Spainnich orrasan. [TD 179] [Vol. 5. No. 24. p. 3] gorm agus lan dhìtheinibh earraich.* Fhuair e mach an caolas eadar Florida agus Cuba; agus sheol e am measg innsean Phortùga: ach cha d’ fhuair e sgeul air bith mu ’n tobar, ’cheann nach robh e idir ann. Cha n ’eil ’s cha robh a leithid de thobar air thalamh. Uime sin thill e do Phorto Rico. Thug an t-Iompaire tighearnas dha air Florida; agus dh’ orduich è gun aiticheadh Ponse an tìr. Uime sin thill è ’s a bhliadhna 1521, le da long, a runachadh baile a thogail. Ach shàs na h-Innseinich orra gu garg: chaidh moran de na Spainnich a mharbhadh, agus fhuair Ponse lot bàis. An earrach na bliadhna 1518, fhuair Iain Griochalbha, le cabhlach cheithir longan, a mach oirthir Mhechico (ris an abair na Sasunnaich Mecsico,) bho Iucatan gu Tampico, agus thug e “an Spainn Nomha” mar ainm air an dùthaich. Thug a dhaoine air ais mill òir, agus cunntas mu rioghachd mhòr bheirteach, Mhecsico. An ath-bhliadhn’ rannsaich Albhares Pinedo, le tri longaibh, an oirthir, bho Rudha Florida gu Tampico, coig ceud deug mile: agus fhuair e mach an amhainn mhòr Misisipi, aig am bheil cùrsa a tha corr a’s ceithir mile mhiltean agus ceithir cheud mile air fad, bho bhraighe na Misuri, a tha a sruthadh innte. ’S a bhliadhna 1519, chuir Diego Bhelascas, uachdaran Chuba, Ferdinand Cortes, le aon long dheug, a rannsachadh agus a cheannsachadh Mhecsico. Bha sluagh na tìr fharsuinn sin lionmhor agus garg: ach cha robh iarunn no umha aca; agus bha cuid diu fo chis aig Montesuma, an righ. Dh’ eirich iad sin leis na Spainnich; agus an deigh cogadh fuilteach sgrathail, anns an do bhasaich Montesuma, ghlac Cortes baile-mòr Mhecsico toiseach an fhaoghair, ’s a bhliadhna 1520; agus an uine ghoirid an deigh sin, gheill an tir gu leir dha. Roimhe sin chaidh Cortes fhein a ghlacadh; agus bha na h-Innseinich a’ dol g’ a iobradh d’ an diathaibh; ach thiorc cuid de na Spainnich e. Anns a’ chogadh so fhuair iad eòlas air a chuid mhòr de Mhecsico; bho chuan gu cuan. An toiseach na bliadhna 1524, rannsaich Iain Bherrasani, Eadailteach, a bha seoladh fo ughdarras Righ na Frainge, oirthir America mu Thuath, bho ’n amhuinn Savanah, air crìch Charolina, gu ceann tuath Newfoundland, còrr a’s da mhile de mhiltean. B’ e a chuideachd na ciad daoine geala a chunnaig na h-Innseinich mu dheas. Bha iad dorcha mar na Mùirich, air an cluthachadh le bianaibh, agus itean riomhach am falt laidir dubh, gun dual, gun chaisreig. Ghabh iad gu caoimhneil ris na coigrich; agus theasraig iad seoladair, a bha ’n cunnart bàthaidh; ach mar phàidhe air a chomain, thug na Frangaich oidhearp air cuid diu a thoirt air falbh le ainneart. Mar a bha e a’ seoladh gu tuath, bha ’m * Is pairt do thir-mòr Florida, ach tha i coltach ri eilein. fearann na bu bhoidh’che; agus bha na coilltean arda, gorma, a’ sgaoileadh bola cubhraidh air gach taobh. Fhuair e a mach an baile farsuinn, taitneach far am bheil a nise baile mòr New York; agus dh’ fhan e ceithir-la-deug an cala mòr Newport, an Eilein na Ròid. Bha na h-Innseinich ’n an daoine mòra, cuimir, agus ro chairdeil riutha; ach bha iad co aineolach ’s nach do thùr iad feum innealan iaruinn. ’N uair a thainig e faisg air Newfoundland, bha sluagh na tìre fiata coimheach; agus anns a’ mhalairt a bha eadar iad fhein ’s na Frangaich b’ e sgeanan a’s buill-acfhuinn staillinn a bha iad a rùnachadh. Bha iasgairean nan trosg, bho oitiribh Newfoundland, air a bhi’ ’n am measg, a dh’ fheuch ri cuid diu a ghoid airson thraillean. Thill Bherrasani do ’n Fhraing; agus rainig e Diepe mu mheadhon an t-shamhraidh, far an do sgriobh e cunntas mu thurus, airson Righ Fransis. Thug e “an Fhraing Nomha” mar ainm air an tir; agus mhair an t-ainm sin, car iomadh linn, air a phàìrt ’s an do ghabh na Frangaich seilbh. An earrach na bliadhna 1534, chuir Fransis a mach Seumas Cartier, á Port Saint Malo, le da long agus sia fichead maraich. An ceann fhichead latha, rainig e Newfoundland. An deigh cuairt gu tuath thill e gu deas, agus stiuir e siar gus an d’ rainig e ’m bagh a dh’ ainmich e bho theas na h-aimsir, “Bai des Chaleurs” (Bàgh an Teas). Sheol e ’n sin gu tuath, mu’n cuairt do Ghaspè: agus fhuair e mach amhuinn mhòr Chanada. Chaidh e suas an aghaidh a sruth, gus am faicear tìr air gach taobh: * ach on a bha e nise toiseach an fhaoghair, agus nach robh doigh aig Cartier air fuireach gu h-earrach, thill e do ’n Fhraing; agus rainig e Saint Malo an ceann deich latha fichead. Toiseach an ath shamhraidh, sheol Cartier a rithisd, le tri longaibh, agus na h-uibhir de uaislibh na Frainge, measg mor aighir. Rainig e ’n càmus mòr taobh an iar Newfoundland air latha Naomh Labhruinn—an deicheamh latha de cheud mhios an fhaoghair. Uime sin thug e “Saint Laurent” (Naomh Labhruinn) mar ainm air a chamus; agus fhuair an amhuinn a’ cheart ainm, gus an latha ’n diugh. Chaidh e air aghart taobh tuath eilein Antecoste, gus an d’ rainig e cala, an eilein boidheach, anns an robh mòran fhionainean. Uime sin thug e “Eilein Bhacchuis” mar ainm air. So an t-eilein ris an abrar an nis Eilein Orleans, fo Chuibec, a tha comharraichte airson a mheas math. Ghabh na h-Innseinich ris na Frangaich gu fialaidh; agus dh’ innis iad dhaibh gu’n robh an amhuinn co fada suas ’s nach fhac iadsan riamh duine a bha aig a braighe. Uime sin dh’ àitich Cartier a longan ’s a chala, agus chaidh e suas am bàtaichibh, gus * Tha an amhuinn so corr a’s coig mile fichead air leud aig a beul. an d’ rainig e baile ris an abrar Stadacona no Canada,—’s e sin, ’n an cainntse, “am baile.” Bho sin thug Cartier Canada mar ainm air an dùthaich,—ainm a mhair agus a sgaoil. Labhair Donnacona, an triath Innseineach, òraid do na Frangaich, agus chaidh bann cairdeis a dheanamh eatorra. Thog na h-Innseinich an sin an gaoir-chatha oillteil, air dhoigh ’s gu’n do ghabh na Frangaich eagal: ach ’s e greadhnas a bh’ air an aire. Dh’ innis iad mu bhaile Hoiselaga, a bha fada shuas, faisg air an amhuinn; agus chuir Cartier roimhe gu’n reachadh e suas; ach cha robh na h-Innseinich toileach, agus dh’ oidhearpaich iad air a bhacadh. Thug iad air tri daoine, air an sgeadachadh gu h-alluidh, tighinn thun nan longaibh (a thug Cartier suas gu Stadacona), agus sriutach a labhairt. Dh’ fhalbh iad an sin ’s a chanù, an sgoth Innseineach, ’s an d’ thainig iad. Thubhairt na h-Innseinich gum bu teachdairean iad sin bho ’n dia Cudruaigné, a thainig a dh’ innseadh gu’n robh moran deigh a’s sneachd shuas an dùthaich, air doigh ’s gu’m bàsaicheadh na Frangaich na’n reachadh iad suas. Ach chaidh Cartier air aghart, air sruth mòr, riomhach na h-aimhne; agus bha muinntir na tire buileach caoimhneil ris. An ceann ceithir-la-deug, rainig e eilein agus baile Hoiselaga troi fhearann aillidh, torail, air nach robh sneachda no deigh. * Bha am baile sia mile air ais bho ’n amhuinn, teann air tulaich bhoidhich air an d’ thug e Mont Real (am monadh rioghail) mar ainm—agus bho sin thainig ainm ùr an eilein agus baile mòr Mhontreal gus an latha ’n diugh. Bha ’n sealladh bho mhullach na tulaich co aillidh, le uisge ’s beanntaibh a’s coilltibh, ’s gu’n robh duil aig Cartier gu’m biodh ard-bhaile na duthcha an sin—mar a thachair. Dh’ innis na h-Innseinich dha mu na coig luich mhora a bha shuas; ach b’ eigin tilleadh gu Stadacona; far an d’ fhuirich e gu h-earrach. Bha an geamhradh fada cruaidh; agus bhàsaich coig fir fhichead de na Frangaich leis an tachas-thioram, agus chaidh an adhlac’ ’s an t-sneachda, o’n nach b’ urrainn each uaighean a chlaodhach dhaibh ’s an talamh reota. † Thill Cartier leis na bha lathair; agus rainig e Saint Malo mu mheadhon an t-shamhraidh, le Donnacona agus cuid eile de na h-Innseinich ’n a chuideachd. ’S ann eadar foill a’s ainneart a chaidh iad sin mar ris. An aithris Chartier tha a chiad chunntas a fhuaras ’s an Roinn-Eorpa mu ’n tombaca, luibh a thainig á America air tùs. Dh’ fheuch na Frangaich ris; ach cha do thaitinn e riutha ’s an am sin. P. MAC-GRIOGAIR. * Ged tha sneachda trom an Canada ’s a’ gheamhradh, falbhaidh e gu h-ealamh, fo ghrian bhlath an earraich. † Bhasaicheadh tuille dhiu leis a’ ghalar so—ris an abrar ’s a’ Bheurla scurvy; ach dh’ fheuch na h-Innseinich craobh dhaibh; agus leighis sugh na cairt ’na bha tinn dhiu. [TD 180] [Vol. 5. No. 24. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, DESEMBER 19. 1896. Thainig sgeul toiseach na seachdain so ag innse gu’n do mharbhadh Maceo, ceannard nan ceannairceach ann an Cùba, ach tha e doirbh a radh le cinnt gu bheil sin fior. Thainig sgeula-bàis a cheart dhuine caochladh uairean roimhe, ach cha robh i fior uair seach uair. Ach air an turus so tha barrachd de choltas na firinn air an sgeul, agus ged a tha moran nach eil ’ga creidsinn, tha a chuid mhor am barail gu bheil i fior gu leòr. Tha aon sgeul a thainig ag innse gur ann le foill a chuireadh gu bàs e; gu’n d’ thug na Spàintich cuireadh dha tigh’nn far an robh iad air son còrdadh a dheanamh, agus ’nuair a thainig esan ’s buidheann bheag de ’luchd leanmhuinn comhla ris, gu’n do loisg na Spàinntich orra, ’gan tilgeadh gun rabhadh sam bith a thoirt daibh. Ma tha sin fior, theid e gu mor an aghaidh nan Spàinnteach fhéin, oir caillidh iad am beagan meas a bh’ aca an sùilean sluaigh rioghachdan eile, agus cha b’ iongantach a chùis ged a thigeadh orra an saorsa thoirt do na Cubaich pailt na bu luaithe na bhiodh aca ri dheanamh nan robh iad air fuireach bho leithid sid de ghniomh fhoilleil. Ach tha sinn an dochas, ma’s e ’s gu bheil Maceo marbh, gu’m faighear am mach nach ann air an dòigh bhrùideil ud a chuireadh crioch air. Tha an cogadh olc gu leòr gun a dhol ’ga dheanamh na’s tur-mhiosa le bhi deanamh mort. Tha e air innse gu’n do mharbhadh deichnear de bhràithrean Mhaceo anns a chogadh a’ feuchainn ri Cuba a shaoradh. Ma tha sin fior agus gu’n deach e fhéin a mharbhadh air an turus so, bidh an sin aona duine deug as an aon teaghlach a leig sios am beatha air son saorsa an duthcha. Thatar a meas nam biodh saoibhreas nan Stàitean air fad air a chur còmhladh ’s an sin air a roinn air an t-sluagh, gu’m biodh mile dolair ann do gach duine, bean, us pàisde ’san dùthaich. Deireadh an earraich s’a chaidh, chuir an Dotair Mac Illiosa, ann an Lunnainn, a mach Gràmar Gailig. Tha e nise ’n deigh leabhar eile a chur a mach (The Gaelic Class Book), a tha air a sgriobhadh gu h-àraid air son muinntir a tha tòiseachadh air a chainnt ionnsachadh. Tha e ’na leabhar a bhios gle fheumail dhaibhsan a tha ’g ùr-thòiseachadh air a Ghàilig. Tha an Dotair còir an deigh na Gàidheil a chur fo chomain mhor dha cheana, agus a reir coltais cha’n eil e ach air tòiseachadh, oir tha an leabhran so ri bhi air a leantuiun le dha eile. Tha sinn an dòchas an ùine gun bhi fada gu’m bi ’nar comas an òraid a liubhair e aig fosgladh a Chlass Ghailig toiseach a gheamhraidh so, a thoirt d’ ar luchd-leughaidh. Bheir i, mar a thuirt fear roimhe, sùilean dhaibhsan d’ an àbhaist a bhi deanamh tàir air cainnt an dùthcha. BLAR WATERLOO.—Tha ceithir fichead bliadhna ’sa h-aan o’n bha blàr Waterloo air a chur. Cha’n eil a nise duine de na bha ’sa bhlàr iomraiteach sin beò. Th iadsan a thuit anns a bhlàr, eadar chàirdean us naimhdean, nan laidhe taobh ri taobh air an làraich, ’s am fiar gorm a fàs os an cionn; agus iadsan a fhuair as le ’m beatha ’n latha sin, tha’n uaghannan ri ’m faotaìnn anns gach duthaich fo’n ghréin. Ach ged a tha na daoine treuna bha anns a chath a nise air triall gu tir na Di-chuimhne, theid iomadh bliadhna ’s linn seachad mu’n sguirear a bhi toirt iomradh air euchdan an latha sin, leis an deachaidh cumhachd fear-millidh na Roinn-Eòrpa a bhristeadh. Tha paipearan Gàidhealach a thainig ugainn o chionn ghoirid ag innse gu bheil an t-Urr. Gustabhus Ard, D. D., ministear Chraoich, an deigh an sgìreachd a leigeil uaithe an deigh dha bhi innte riamh o’n thainig an Eaglais Shaor a mach. Tha e nise ’na-sheann duine, còrr us ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus bha ’n obair a’ fàs trom air. Tha e dol a chur a chuid eile de ’laithean seachad comhla ri mac a bhràthar ann am Manchester, an Sasunn. Anns an ath àireamh bheir sinn d’ ar luchd-leughaidh paìpear a chaidh a leughadh aig Comunn Gàilig Ghlascho o chionn ghoirid leis an Urr. Niall Grannd, á Gleann-dail ’san Eilean Sgiathanach. ’Se ’s ainm do’n phaipear, “Gearr chunntas mu chuid de na fineachan bu lugha ’s an Eilean Sgiathanach.” Tha e air a dheagh sgriobhadh, agus tha moran fiosrachaidh ann a bhios gle lionmhor ann an iomadh cearna de Chanada. Thatar a pàigheadh barrachd cise air an tombaca na thatar a pàigheadh air ni sam bith eile. Re nan seachd bliadhna fichead mu dheireadh, chuir an tombaca mile muillein dolair ($1,000,000,000.) ann an cis a stigh do ionmhas nan Stàitean. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 181] [Vol. 5. No. 24. p. 5] NAIDHEACHDAN. Sgaoil na sgoilean an dé air son na Nollaig ’s na Bliadhn’ Uire. Bi’dh iad a’ fosgladh air a’ cheathramh latha dhe’n bhliadhna. Tha cuirt na siorrachd na suidhe fhathast, agus tha e coltach gu’m bi gus an deigh na Bliadhn’ Uire. Tha moran de chasan cudthromach ri ’m feuchainn. Tha dithis bhoirionnach ann am baile New York a tha faotainn, té dhiubh tri mile dolair ’sa bhliadhna, agus an te eile ceithir mile ’s coig ceud, air son a bhi seinn ann an coisir-chiùil eaglais. Bhrist tuil a stigh air meinn ghuail ann a Wales o chionn ghoirid, agus chaidh sianar dhaoine a bhàthadh. Bha ruas ri sia fichead duine anns a mhèinn aig an àm, ach fhuair iad as le ’m beatha ach an t-sianar ud. Dh’ fhaoite nach fhaigh Caiptean Delisle cuibhteas an lagh au deigh a h-uile rud. Tha fios air tighinn gu bheil Riaghladh Newfoundland a’ dol a ghabhail a ghnothuich os laimh ’sa dol a chur a chàis air beulaobh Ard-Chuirt Chanada. Thainig bàs gle aithghearr air fear Eobhan Gillios, clachair, ann an Louisburg Di-luain s’a chaidh. Bha e ’g obair faisg air an tigh, agus thainig e stigh a’ gearain nach robh e gu math. Beagan ùine ’n deigh dha dhol a stigh thuit e marbh. Bha dithis dhaoin’ ùra air an cur dh’ an t-Seanadh air an t-seachdain s a chaidh, Iain Lovitt, á Yarmouth, N. S., agus Deòrsa King, á King’s, N. B. Cha’n eil a nise aon àite falamh anns an t-Seanadh. Chaidh seachdnar a chur ann o’n fhuair Laurier air an stiùir. Chaidh duin’ òg a mhuinntir Bhaddeck, Mac Coinnich, a mharbhadh ann am Boston o chionn ghoirid. Bha e ’na shaor, agus ’se tuiteam bhar mullach taighe air an robh e ’g obair a thug a bhàs; cha robh e beò ach beagan ùine ’na dheigh. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh. Is aingidh am baile Chicago. Eadar feasgar Di-satharna s’a chaidh, agus feasgar Di-dònaich, rinneadh tri moirt ann, agus chaidh triùir eile a leònadh le urchraichean air dhòigh ’s nach bi iad beò; a bharrachd air sin chaidh fear a stobadh. Tha cuid diubhsan a rinn an cron ann an lamhan an lagha, ach tha ’n dithis a’s miosa gun a bhi air an glacadh fhathast. Chaidh bàthadh muladach a dheanamh ann an Aspy Bay la na Sàbaid s’a chaidh. Bha ceathrar chloinne, dithis ghillean us dithis nighean, le Daibhidh Domhnullach, fear-na-cuspuinn, a feuchainn ri dhol thairis air an deigh aig Young’s Cove, agus bhrist i fopa. Chaidh dithis dhiubh a bhàthadh. Bha an deigh gle thana, agus bha e doirbh an ruigheachd. Chaidh an dithis bu shine, gille agus nighean, a shàbhaladh. Ghreimich an nighean a b’ òige air bòrd, agus chum i a greim gus an d’ rainig iad i le bàta, ach cha robh i beò ach ùine glé ghoirid. Chaochail an t-Urr. Simon Gibbons ann am Parrsboro, N. S., Di-luain s’a chaidh. B’ Escimòth e, agus chaidh fhoghlum ann an Sasunn air chostas an Easbuig Field, an Newfoundland. Bha e ’na mhinistear de’n Eaglais Shasunnaich, agus bha e roinn mhor de bhliadhnaichean a’ saoithreachadh ann an Newfoundland. An deigh sin bha e ann am Baddeck, agus air dha an t-àite sin fhàgail, chaidh e gu Parrsboro, far an robh e gu àm a bhàis. Chaidh a ghoirteachadh le tuiteam as a charbad o chionn thri seachdainean, agus thatar a’ deanamh a mach gu’m b’e sin a dh’ aobharaich a bhàs. Bha e air ceann na seirbheis anns an eaglais an latha mu’n do chaochail e. Di-satharna s’a chaidh, am feadh ’sa bhatar a luchdachadh soitheach-smùide le gual ann a Louisburg, thuit fear de’n luchd-obrach, da’m b’ ainm Iain Mac-an-Tòisich, dh’an toll, agus chaidh a ghoirteachadh gu dona. Chaidh e gle fhaisg air a bhi air a mharbhadh. Tha e còrr us tri-fichead bliadhna dh’ aois. Tha e coltach gu bheil an geamhradh air tighinn. Thainig stoirm shneachda oirnn a mhair bho fheasgar Di-ciaduinn gu oidhche Dior-daoin, agus a chuir dòrlach mor sneachda ma seach. Cha’n eil nar comas a radh aig an àm so ciamar a dh’ fhàgadh na ròidean, ach cha’n eil teagamh nach eil iad dona gu leòr an àiteachan. Tha a ghrian a’ dol fodha na’s anmoiche nise na bha i air an t-seachdain s’a chaidh, agus tha’m feasgar mar sin a’ fàs na’s fhaide. Achs tha mhaduinn a’ fàs goirid fhathast; cha toisich a ghrian ri éiridh na’s tràithe gus an còigeamh latha de’n bhliadhn’ ùir. Toisichidh an latha ri fas beagan na’s fhaide Di-luain no Di-mairt s’a tighinn. Ann an Oil-thigh na Ban-righ’nn, an Kingston, Ontario, thatar a toirt duais seachad na h-uile bliadhna air son sgoil Ghàilig. Tha an duais so, tri fichead dolair, air a bhuileachadh air an oilthigh le Mr. M. C. Camaran, fear-pàrlamaid Huron. Thugadh a mach an duais air a gheamhradh so le Mr. A. D. Mac Fhionghain, foghlumaich a mhuinntir Loch Ainslie. Thainig bàs gle aithghearr air an Dr. Seumas R. Mac Gilleain, ann an Amherst oidhche Shatharna s’a chaidh. Bha e tinn o chionn treis a dh’ ùine, ach cha robh dùil aig duine gu robh a bhàs cho faisg air laimh. Bhatar gle eòlach air ann an Ceap Breatunn, far am b’ àbhaist dha tighinn sgriob a h-uile bliadhna. Bha e da fhichead bhliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. Bu bhràthair e do Mhac-Gillean an dotair-fhiacal a tha ’sa bhaile so. Tha an deigh gle mheallta fhathast, agus bu chòir do mhuinntir fuireach dhith gus am fàs i na’s làidire. Chaidh ceathrar chloinne troimhpe aig Orangedale aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, agus cha robh dad ann ach gu’n deach an sabhaladh. Bha aon diubh, nighean Sheumais ’Ic Phàrlain, anns an uisge treis a dh’ ùine, agus bhiodh i air a bàchadh mur biodh Niall Mac Néill, a leum dh’ an uisge ’sa thug gu uachdar na deighe i. Bha treis mhath mu’n ainichteadh gu robh i beò. Mar a chaidh innse aig an àm dh’ fhalbh àireamh theaghlaichean á Cuibeic air an t-samhradh s’a chaidh, air son an dachaidh a dheanamh ann am Brazil, an ceann a deas America. Tha e coltach, an uair a rainig iad, nach d’ fhuair iad cùisean idir cho briagha ’sa bha iad an dùil, agus tha iad a nis, moran dhiubh, ann am bochduinn. Tha iadsan a tha feumach dhiubh ri bhi air an toirt air ais do Chuibeic, agus tha an Riaghladh a’ dol a phàigheadh am faraidh. B’ fhearr dha na daoine bochda nach d’ fhàg iad an dachaidhean riamh. Iadsan a Phaigh. Iain E. Mac Leoid, Ingonish. Ruairi H. Mac Coinnich, Forks Shidni. Alasdair Seathach, Cobh an Fheòir. Donnacha Mac Coinnich, Milton. Deorsa Mac Coinnich, Drochaid na h-Aibhne Tuath. Coinneach I. Mac ’Illinnein, St. Esperit. Iain Mac Thearlaich, Gut-a-Deas. Iain Moireastan, Gut-a-Deas. An t-Urr. A. Mac Coinnich, Meinn Victoria. Aonghas Gillios, Orangedale. Iain A. Domhnullach, Baddeck. Micheil D. Caimbeul, Eaglais Bhaoghasdail. “Caraide na Gailig,” $1.00. D. R. Domhnullach, Barrachois Bhaoghasdail. Donnacha Mac Griogair, Amhuinn a Deas, N. S. Eachunn Mac Gilleain, Bridgetown, N. S. Aonghas Mac Gille-mhaoil, Laggan, Ont. Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont. Calum Deòra, Dunbheagain, Ont. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 182] [Vol. 5. No. 24. p. 6] MU’N TAIBHSEARACHD. (Bho ’n Bheurla.) Bha mi daonnan ag cluinntinn mu’n taibhsearachd, ach cha d’thug mi mòran croideis d’ i; a dh’ aindeoin sin, a chionn gu’n robh daoine fìrinneach ag aideach i bhi aca, chuir mi romham, a’ bhliadhn’ ud (1652) a bha mi ’m cheatharnach-coille ’s an Taobh-tuath (leis na réubaill Shasonnach), mion-rannsachadh a dheanamh mu’n chùis. Duan gach duine gu’n robh mòran da na Gaidheil, gu h-araid na h-Eileanaich, aig an robh an dà-shealladh; fir, a’s mnathan, a’s clann gu ’m bu chomh-dheis; gu’n robh clann ann aig am bitheadh i, ged nach biodh i aig am pàrantan. Air uairibh, gu’m faicteadh seann-sluagh aig am biodh i, ged nach biodh i aca an uair a bha iad òg; agus nach b’urrainn gin diubh innseadh cia mar a fhuair iad i. Gu’n robh i na trioblaid do gach aon a bha buailteach dh’ i; agus gu’n cuidhticheadh iad i gu toilichte na ’m biodh e na ’n comas sin a dheanamh. Cha’n fhaic iad an taibhseach fhad ’s a chumas iad air an sealladh. An fheadhain aig am bheil cridhe làidir, is àbhaist daibh dùr-bheachd a ghabhail, los sealladh fhaotainn oirre na’s fhaide; ach an fheadhainn a tha gealtach, cha’n fhaic iad ach plathadh dh’ i: priobaidh air an sùil mu’n gann a chi iad i. Is iad na taibhsean is trice leo fhaicinn—taibhsean sluaigh, a’s bheathaichean, a’s bhàtaichean a’s aodaichean, agus eile. Cha’n fhaic iad taibhse duine-mhairbh idir; ach ciod sa bith a chi iad, cha’n eil teagamh nach tachair e gu riochdail, mar a chunnaic iad e, agus anns a’ cheart àite ’s am fac iad e. Cha’n urrainn daibh innseadh ciod a’ cheart ùine theid seachad gus an tachair a’ chùis; ach tha riaghailtean àraid aig an fheadhain is sean-eòlaiche dhiubh, leis an toir iad geur-bharail air. Mar shamhladh air sin: ma chi iad an leine-bhàis air duine, bheir iad barail air an ùine bhios e beò, a reir na bhios i còmhdach dh’ e. Is tric gu’m faic iad an càirdean (ged bhiodh iad cho fada uapa ri America) na’n suidhe, no na’n seasamh, no ag coiseachd ’san àite a thuiteas dhaibh fein a bhi; agus cha bhi teagamh sa bith aca, ach iad ga ’m faicinn, nach bi iad fhathast amhuill ’s mar a chunnaic iad iad, agus anns a cheart àite ’s am fac iad iad. Ma bhios té ann aig am bi leannan, is abhaist daibh fhaicinn na sheasamh lamh rithe; agus breithnichidh iad miad an deothais, air an astar a bhios eatarra ’s an àm. Duine tha’n galar a bhàis, chi iad a riochd ’s an t-anart-bàis ga chòmhdach uile. Is taibhsearan cneasda firinneach, fo shàr-chliù aig an coimhearsnaich, a thug dhomh am fiosrachadh so mu’n chùis; oir rinn mi roghainn, a dh’ aon-ghnothach, air daoine còire ciallach, de’n t-seòrsa. Agus a thaobh gu’n robh, a reir innse-sgeòil, tuilleadh thaibhsearan an Leoghas, an Uidhist, agus anns na h-Earradh na bha ’n duthaich sa bith eile, chuir mi fios gu Sir Séumas (nach mairionn), agus gu Sir Tormoid MacLeòid, agus gu Mr. Moiriosan (tha iadsan le cheile làthair), iad a thoirt cùnntas dhomh mu’n dà-shealladh so. Thug iad sin domh le làn-dearbhadh air gach sgial a thug iad seachad. Agus bha gach fear dhiubh air an aon seanchas ri m’ urrainnean fhéin. Ach ged is daoine ainmeil iadsan an céill ’s an onair, mar is fiosrach gach duine, is annsa leam, seach e ’bhi ri ràdh nach ’eil agam ach seanachas feadhnach eile, cunntas a thoirt an tùs air cùisean a bha mi fhéin fianuiseach orra. Bha mi turus air chuairt anns a’ Ghàidhealtachd agus mo chuid ghillean comhla rium, mar is gnàth le uaislean na duthcha sin. Dh’ fhalbh fear dhiubh air thoiseach orm, ’s ràinig e le cabhaig dorus tighe ’s an robh mi dol a chur seachad na h-oidhche gu dol a stigh, ach thug e léum air ais ’s leig e glaodh as, agus tachrar clach air a chois, a’s tuitear anns an stuirsnich. Bha fior-choltas an eagail air, agus dh’ fharraid mi dn ’e ciod a dh’ fhairich e. Ghrìos e orm gu stòlda, gun chairtealan a ghabhail ’s an tigh ud, nach b’ fhada gus an tigeadh ciste-mhairbh amach as; gu’n do thachair i airsan, agus dòmhladas sluaigh ga giùlan, an uair a leig e ’n glaodh as. Cha d’ thug mi feairt air agus ’s e bh’ ann gu’n d’ fhuirich mi. Thuirt esan ri feadhain de na gillean gu’n robh e cur iomaguin air, nach robh teagamh aige nach éireadh amach mar, a chunnaic e, agus sin an ùine ro-ghoirid. Cha robh duine euslainteach a stigh an uair a ràinig mi; ach mu’n d’ fhalbh mi, thàinig paisean air fear-an-tighe, Gàidheal fallain, làidir, agus dh’ éug e ann. Anns a bhliadhna 1653, bha mi fhein ’s Alastair Munro a bha ’n deaghaidh sin ’n a Chòirneal air Reiseamaid Dhunbreatuinn a’ sràid-imeachd air dail bhig am bun beinne caise an Ullapull, an Taobh Loch-Bhraon. Bha gille ag obair le sluasaid air a’ cheum romhainn agus aghaidh ris a bhruthaich. Mu’d d’ ràinig sinn e leig e ’n t-slusaid as a laimh air an làr, agus sheall e suas ris a bheinn. Chaidh sinn seachad làmh ris ach cha d’ thug e ’n aire dhuinn. Thug mi fhein sùil air, ach leis mar a chunnaic mi e spliachdadh, smaoinich mi gu’n robh an da-shealladh aige, agus ghlaodh mi air. Thug e clisgeadh as agus rinn e snodha-gàire. Dh’ fharraid mi dh’e ciod a bha e ’deanamh. Thuirt e gu’n robh e faicinn rud glé neonach—trùp Shasonnach an ceann an cuideach a’ tearnadh na beinne, agus cuid de na h-eich ag itheadh an eòrna a bha fàs air an dàil aìg bun na beinne. Bha so air a cheathramh là de’n Chéitein, ceithir no còig de lathaichean mu’n deachaidh sìlein de’n eòrna ’chur. Dh’ fharraid Muurò dh’e cia mar a bha fhios aige gu’m bu Shasonnaich iad. Thuirt e gu ’n robh a chionn gu’n robh iad a’ falbh an ceann nan each, ’s gu’n robh adan orra—rud nach biodh air Gàidheil an sid. Cha do ghabh sinn suim de ’n t-sealladh; ach bha sinn a’ dùrachdainn na Sasonnaich a bhi ann, bha an t-àite cho doirbh air son each, agus sinn a bhi cogadh riutha ’s an àm. Mu Liùnastainn thainig air Middleton pàirtidh s chur do’n Ghàidhealtachd. Chuir e an t-arm roimh Ionar-Lawell, agus an fheadhainn a theirinn an toiseach dhiubh, thòisich iad air ithe an eòrna air an fhaich bhig aig bun na beinne. Chuimhnich Munrò air seanachas an taibhseir, agus ghrad-sgriobh e ugamsa gu Loch-Sìne far an robh mi aig an àm. Bha mi uair aig còdhail àraid, agus thuit gu’n robh taibhsear anns a’ chuideachd, agus thug ni guth e—is àbhaist dhomh dol daonnan ’nan cnacas. “Am faic thu ’bhain-tighearna ud thall,” osam fhein ag cur diachainn air. “Chi,” os esan. “An innis thu dhomh am bheil leannan aice?” “Tha,” os esan, “ach cha’n eil mi ’ga aithneachadh.” Fad an da latha bha e ’na cuideachd, bha e faicinn duine-uasail ’na sheasamh làmh rithe ’s a cheann air a gualainn. Bu chomharradh sin gu’m pòsadh e i, agus amhuill sin nach biodh e cho fada saoghal rithe. Bha so ’sa bhliadhna 1655. Dh’ iarr mi air a choltas innse dhomh. Rinn e sin cho ro mhion ’s gu’n do thuig mi co b’ e an leannan ged nach robh guth aca air a chéile—cha robh gu da bhliadhna an deaghaidh sin. B’ Eileineach an taibhsear so; agus thuit dhomh bhi ’s a’ bhliadhna 1657 còmhla ris an duin’-uasal a dh’ innis e choltas dòmh agus thug mi guth an taibhsear ciadna, agus dh’ fharraid mi dh’e an robh e ag aithneachadh an duin’-uasail ud. Thuirt e nach robh, ach gu’m b’ e an ceart fhear a chunnaic e da bhliadhna roimhe sin air gualainn na baintighearna ’s e ’ga h-ainmeachadh; agus gu’m fac e an sin fhein iad glaic air ghlaic. Bha so mios mu’n do phòs iad. Mar a b’ fhior dh’ eug esan, ach tha ise fhathast beò. An t-aon sgial so fhathast. Chuir e urad iongantais orm ri gin idir air an robh mi fhéin fianuiseach. Deireadh a’ Gheamhraidh 1652, bha mi fhein ’s Coirneal Munrò, a dh’ ainmich mi muthrà, an tigh Uilleim Mhic Leoid, Ferinlea, an Siorrachd Rois. Bha fear an tighe agus sinn fhein ’n ar suidhe ’n ar triùir, aig taobh an teine agus da Eileineach, càirdean do dh’ fhear-an-taighe, a thàinig an oidhche sin fhein air chéilidh air. Bha fear dhiubh a’ bruidhinn ri Munrò, ach thugar an aire do’n fhear eile a’ sealltainn car neonach an taobh a bha mi fhein. Smaoinich mi agam fhein gu’m b’ Eileineach e, agus gu’n robh an dà-shealladh aige, agus farraidear dh’e ciod air an robh e coimhead. B’e ’n fhreagairt a thug e dhomh, iarraidh orm éirigh as a chathair, nach robh e seannsail dhomh. An sin dh’ fharraid mi dh’e carson. Thuirt e rium gu’n robh a chionn gu’n robh e faicinn duine-mhairbh ’s a’ chathair a bha làmh rium. “Ma ’s ann ’s a’ chathair a tha làmh rium a tha e, nach coma, sin dhomhsa? Ach co ris a tha e coltach?” “Is duine mor e,” os esan, “còta-mor glas air, agus bòtuinnean; an dalla cas aige tarsuinn air làmh na cathrach, a cheann an crochadh (Air a leantuinn air taobh 184.) [TD 183] [Vol. 5. No. 24. p. 7] Sgeulachd Bheag mu Dheidhinn na Gaidhlig. “Chlann nan Gaidheal bithibh cuimhneach Air ur cainnt a chur an cleachdadh.” Bha Comunn ann ann uair‘ a bha air a steidheachadh a chum a’ Ghaidhlig a chumail suas, agus bha na buill anns a’ bheachd gu’m b’ e teagasg na h-oigridh ’nan cànain fhein, agus gach fear a bhi bruidhinn innte e fein, na dòighean a’s fearr airson an rùn sin a ghiùlan a mach, agus air an aobhar sin dh’ aontaich iad gu ’n deanadh iad uile ghnothaichean a’ chomuinn anns a’ Bheurla. Thagh iad mar fhir-comhairle, maighstirean sgoile nach do theagaisg riamh facal Gaidhlig anns na sgoilean fo an curam, daoine a bha suarach mu dheidhinn na Gaidhlig, agus daoine eile a bha direach ’na h-aghaidh. Bha iad cinnteach gu ’n deanadh na daoine so an dichioll airson na Gaidhlig, agus chaidh cach a chadal gu latha na coinneimh mòire. Uair-eiginn an deidh so, bha Co-chruinneachadh aca, ann am baile àraidh, agus bha duaisean air an toirt airson bardachd, ciuil, seinn, agus litreachais nan Gaidheal. Cha robh ach beagan Gaidhlig aig luchd na farpuis, agus cha robh facal idir di aig na breitheamhna, agus mar sin bu mhòr an cliu fhuair a’ Ghaidhlig air an latha ud. Bho ’n a bha an Comunn anns a’ bheachd gu’m bu e teagasg na Gaidhlig anns na sgoilean a ’chiad cheum a chum litreachas na dùthcha a leasachadh, cha do thairg iad duais sam bith do mhaighstirean sgoile a bha ’ga teagasg. Rinn ceann-fhear na coinneimh mòran fala-dha de ’n chuideachd a chionn nach do chuala e ach a ’Bheurla air a labhairt ’nam measg, ged a bha daoine an lathair aig an robh pailteas Gaidhlig. Cha robh e a’ tuigsinn gu’m b’ ann a chum ’s gu’m bitheadh a Ghaidhlig air a cumail suas, a bha na gnothaichean uile air an deanamh anns a’ Bheurla. An deidh sin thàinig duine glic á dùthaich cein, agus thoisich e air a’ Ghaidhlig a mholadh agus bu i a’ Bheurla a ghabh e a chum sin a dheanamh. Thuirt e nach robh i air a leughadh no air a sgriobhadh mar bu choir, agus le sin gu ’n robh i dol as an t-sealladh, agus gu’m bu i an dòigh a b’ fhearr gu so a leasachadh gun iad duais sain bith a thoirt airson leughaidh aig an ath choinneamh. Bha oraidean air an liubhairt anns a’ Bheurla le daoine foghluimte eile a mhol do ’n choinneamh an ni nach cuir iad féin ann an cleachdaidh. Le sin dh’ fhàs an sluagh seachd sgith de ’n ghnothach gu leir, agus sgaoil iad, an dara cuid a’ gabhail feirg, agus a’ chuid eile a’ deanamh fanaid agus gaire. An deidh do ’n Chomunn a bhi aig an uiread so de shaothair airson na Gaidhlig bha iongantas orra nach robh an luchd-dùthcha buidheach dhiubh, agus mar sin thoisich iad air dol a mach air a cheile, agus dh’ fhàg sinn an sid iad. L. L. Tha aig na còig cinnich a’s cumhachdaiche a tha ’san Roinn-Eorpa, 2310 soitheach-cogaidh, agus 88,209 gunna, agus iad uile deiseil gu dhol a dh’ obair. DEICE NITHEAN MATHA.—Tha deich nithean ann air son nach robh agus nach bi an t-aithreachas air duine. ’S iad sin:—math a dheanamh do na h-uile; gun labhairt gu h-olc mu neach air bith; éisdeachd mu’n toir thu breith; smaoineachadh mu’n labhair thu; do theanga chumail an uair a tha corruich ort; a bhi caoimhneil riuthasan a tha bochd; mathanas iarraidh air son gach eucoir a rinn thu; a bhi foighidneach ris na h-uile; do chluasan a dhùnadh ri luchd-aithris an tuaileis; agus gun a bhi creidsinn gach droch sgeul a chluinneas tu. ’S ISE BU DEONAICHE.—Bha Seochd Mac Thòmais na dhuine car faoin na dhòigh; ach co-dhiu bha e ’dol a phòsadh, agus chaidh e far an robh am ministeir air son am pòsadh éigheach ’s an eaglais. Bha fhios aig a mhinistear ciod an seòrsa duine bh’ ann an Seochd, agus dh’ fhaoighnich e dheth an robh am boirionnach deònach a phòsadh. “Gu dearbh,” arsa Seochd, ’s e toirt crathadh air fhéin,” ’si tha; moran na’s deònaiche na tha mise.” Bathar Tioram. 20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir. Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3.25. Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor. IAIN A. Mac COINNICH & CO. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. [TD 184] [Vol. 5. No. 24. p. 8] (Air a leantuinn o thaobh 182.) marbh ris an taobh eile agus a làmh ’n a cliob ri chùlaobh mar gu’m biodh i briste. Bha feadhain de’n trùp Shasunnaich ’s a’ choimhearsnachd ’s an àm, agus le reobhadh a thàinig an deaghaidh aiteamh mhòir bha ’n dùthaich ’na stòlaichean deighe. Mu dhà uair a thìm an deaghaidh an t-seallaidh so, bha ceathrar no coignear de ’n trùp a dol seach an tigh. Bha sinn ’n ar suidhe aig an teine ’s chuala sinn tartar mor a mach. ’Dé bha ’so ach na trùpairean agus na gillean, agus fear aca ’ga thoirt a stigh, eatorra ’s e ’n deaghaidh tuiteam fhaotainn, ’s a ghàirdean briste, agus e bho phaisein gu paisein. Thug iad a stigh do’n t seòmar e agus chuir iad e air a cheart chathair ’s am faca an taibhsear a thaibhse, ach cha d’ éug e. Is ann bho Shir Tormaid a fhuair mi an sgial a leanas. Bha duine àraid ’s an dùthaich ’s cha robh teagamh aig na taibhsearan nach rachadh saighead ’n a shliasaid mu ’m faigheadh e am bàs. Ach dh’ eug e ’s cha deachaidh. Bha iad ag innse so cunntas bhliadnaichean mu’n d’ eug e do Shir Tormaid. Thuit do Shir Tormaid a bhi air an tiodhlacadh aige an cladh Robhadail. ’S a’ cheart àm bha giùlan eile ann. Dh’ eirich cònsachadh eadar na càirdean co-dhiubh giùlan a rachadh an toiseach fo’n ùir, agus bho’n chònsachadh ’s e bh’ ann gu’n deach iad an dàil a chéile. Bha fear dhiubh aig an robh bogha-shaighead agus thilg e saighead air am feadh (’s an eilein thathas a’ tiodhlacadh gach aon an ciste-chloiche, ’s cha’n eileas ag cur ciste leotha do’n chìll,) An uair a chuir Sir Tormaid siochaint orra, fhuaradh an t-saighead sàs an leas a’ chuirp. Bha Sir Tormaid e fhein fianuiseach air so. Tha Mr. Moiriston ag innse dhomh gu’n robh nighean òg ’s an sgireachd aige a bha an impis dol as a ciall le bhi faicinn a riochd ’s a chulaobh rithe, gach uair a rachadh i mach. Thug e ceithir no còig de bhliadhnaichean ’g a leantuinn mar so, ach tha e ’g innse gu’n do chuidhtich e i. Nighean Mhorair Ullin. EADAR, BHO’N BHEURL’ AIG TOMAS CAIMBEUL, LE MURCHADH MAC RATH. Dh’ eigh Ceann-feadhn’ do’n Bhraighe triall, “Fhir-iuraich, na dean maille, ’S bheir mi punnd airgeid dhuit gu fiall, Ach aisig sinn gu calla.” “Thar sàil Lochguil, co sibh tha’n dùil. A dhol ’san stoirm ’s a ghaillinn?” “Air eilean Ulbha ’s mi ceann-iùil, ’S seo nighean Mhorair Ullin. “Bho dhaoin’ a h-athar, comhla, teann, Tri làithean rinn sinn teicheadh, ’S ma ghlacas e sinn ann ’s a ghleann, Bi’dh m’ fhuil san fhraoch—dean greasad. “Tha ’mharcaichean na’r deigh a’ ’reis— An tòir oirnn, ’s iad na’n deannal; Co thogas fonn air bean mo spéis, Ma chuirear as dha ’leannan?” ’N sin thuirt an Gàidheal dàna gasd’, “Mo cheannard! tha mi deiseil, Cha’n iom’rinn airson duais an nochd, Ach ’sgàth bean uasal dhreachail. “Mo ghealladh-sa, a smeorach dhonn, Cha bhi an imcheist fada, Ged ’s geal tha chean àrd nan tonn. Bheir mise dhuibh an t-aiseag.” Shìn tàsg a chuain ri ranail chruaidh, ’S bha annradh doirbh a tighinn, Is dh’ fhàs an iarmailt iarghalt’ dubh— ’S gach aodann—’s iad a bruidhinn. Ach mar a b’ airde ’sheid an stoirm, ’S an oidhche ghruamach, rapach, A’ nuas an gleann gu’n cluinnte toirm— ’Us armachd each a tartraich. “O, cabhag! cabhag!” ghuidh’ an òighe, “Ged ’s gàbhaidh ’n uair dha ’n eithear, Choinnichean buaireasan nan neòil, ’S cha choinnich corruich m’ athar,” ’N sin dh’ fhalbh am bat bho’n stoirm air tìr, ’S a mhuir na còp fo guaillibh, Grad dh’ éirich doinionn air a chuan, ’S cha toireadh spionnadh buaidh air. Tre chathadh-mara ’s iad ga cur, Bha stuadhan tròm ’gam gàthadh, ’Nuair ràinig Morair Ullin muir, Chaidh fhearg le bròn a thràdhadh, ’S e oillteach sgìth, ’feadh stoirm is sian, Chunnacas leis a leanabh, Aon ghàirdean àill gu cobhair sinnt’, ’S a h-aon mu’n cuairt d’a leannan. “Thig dhachaidh!” ghlaodh e, “dhe na chuan, Bho’n doireann deanaibh tighinn, ’S an Gàidheal mathanas gheibh bhuam. Mo nighean! O, mo nighean!” Ach b’ fhaoin a ghlaodh—sgiùrs tuinn an tràigh, A bacadh dol na pilleadh; Chuir barcibh borb fo’n cas am pàist’, ’S gur goirt tha dheoir ’s a silleadh. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air ’adhart 35c., no tri airson dolair. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. STOR UR TAILLEARACHD, ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA An Nasguidh Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus FAIGH FEAR DHIUBH. THA AM BATHAR CHO SAOR ’SA GHABHAS Bathar Math Faighinn. D. J. DOMHNULLACH. [TD 185] [Vol. 5. No. 25. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 26, 1896. No. 25 Ioghnaidhean an t-Saoghail. BEANNTAN-TEINE. Mo chàirdean òga, chaidh iarraidh ormsa beagan innse dhuibh mu na nithean iongantach a tha anns an t-saoghal so ’s am bheil sinn a fuireach. Tha iad cho lionmhor, agus cho iongantach, agus, co dhiubh sheallar air uachdar no an iochdar na talmhainn, gu faicear anns gach àite dhiubh làmh an Ti a chruthaich iad uile, agus a tha mar Athair gràdhach, ag iarraidh oirnne, mar a chuid cloinne féin, amharc orra agus tlachd a ghabhail anns na nithean a rinn e. Tha mi ’dol a dh’ innse dhuibh mu na beanntan-teine. Tha beinn-teine nuair a tha i “na teine” a’ brùchdadh a mach as a mullach ceò, luath, griosach, clachan teithe, agus sruthan de stuth leaghte ris an abrar labha. Aig amannan nuair a tha a bheinn-theine mar gu’m b’eadh ’na cadal, agus nach eil ri fhaicinn ach ceò beag ag éiridh as a mullach, cluinnear rùchdail mhor, crithidh an talamh, agus tilgear still dhearg-theith ceudan troigh dh’ an athar. Tha iadsan a chunnaic beinn-theine mar sin ag ràdh nach urrainn ni sam bith eile tigh’nn suas ri morachd agus maise an t-seallaidh. Ann am Mecsico tha beinn mhor d’ an ainm Popocatepetl, “a bheinn chethach.” Anns na làithean ’san robh Mecsico air a cisneachadh leis na Spàinntich, bha a bheinn so anabarrach beothail. Bha i o shean air a meas na dia, agus bha nàisinnich na dùthcha ag radh ris na daoine geala nach b’ urrainn do neach sam bith ionnsuidh a thoirt air a direadh agus a bhi beo. Aon uair bha am fùdar gu teirgsinn air na Spàinntich, agus bha pronnasg a dhith orra air son tuilleadh a dheanamh. Chuir coignear dhaoine treuna rompa a bheinn a dhìreadh agus pronnasg a thoirt o’n chrater, an t-ainm a th’ aca ’sa Bheurla air an toll as am bi an teine a’ brùchdadh suas. Ghabh iad air an adhart, suas troimh mhachraichean gorma feoir aig a bun, troimh fhàsach tioram, cruaidh, leth-chomhdaichte le labha, gus an d’ rainig iad cho àrd ’s gu ròbh an sneachda ’na laidhe ann a h-uile latha dhe’n bhliadhna, agus an sin thainig iad gu oir an tuill theinntich. Smaoinichibh, a chlann, ma’s urrainn duibh, air slochd uamhasach, mile troigh a dhoimhneachd, agus corr us tri mile mu’n cuairt! Nach bu bheag an t-ioghnadh ged a thigeadh crith uamhais air an fhear bu treine nam measg ’nuair a dh’ amhairc e sios dh’an t-slochd sin agus a chunnaic e na lasraichean anns an doimhneachd fodha. Bha taobhan an tuill air an comhdach le pronnasg, agus cha robh fhios aig fear seach fear dhiubh ciod a mhionaid a dh’ fhaodadh e bhi air a thachdadh le ceo a phronnaisg sin. Bha bascaidean agus ropan aca, agus cha robh aca ri dheanamh a nise ach fhaotainn a mach co rachadh sios. Thilg iad croinn, agus thainig an crann air an ceannard, d’am b’ ainm Francisco Montano. Chaidh an duine treun sin sios ceithir cheud troigh, an coinneamh nan teintean uamhasach. Bha a bhascaid a tulgadh a null ’sa nall, agus bha ’n rop a criothnachadh, ach ge b’e ciamar a bha a smaointin, cha do nochd e gu robh eagal sam bìth air. Lion e a bhascaid le cnapan de’n phronnasg, thug e caismeachd d’a chompanaich, agus tharruinn iad suas e. A rithist agus a rithist chaidh e sios, a cur a bheatha ann an cunnart gach uair. ’Nuair a thionail iad gu leor theirinn iad uile sios a dh’ ionnsuidh a chomhnaird. O chionn faisg air ceithir fichead bliadhna air ais, bha beinn ann an eilean Java air a còmhdach bho bhonn gu mullach le coille mhoir. ’Se b’ainm do’n bheinn sin Galung Gung. Timchioll air a bonn bha moran bhailtean arms an robh dorlach sluaigh. Bha uìllt bheaga ’ruith a nuas leis na cnuic, a dol ’nan aimhnichean, agus á sin a sruthadh dh’ an chuan mhor. Bha an sealladh timchioll air a bheinn anabarrach briagha, bha an talamh torach, agus na nàisinnich agus luchd-àiteachaidh as an Roinn-Eorpa gu trang a’ togail spìsridh agus coffi. Anns a mhios Iulaidh, ’sa bhliadhna 1822, dh’ fhàs te dhe na h-aimhnichean salach, agus dh’ fhàs an t-uisge teith, agus tri miosan an deigh sin, gun rabhadh sam bith, bha brùchdadh uamhasach ann. Chualas fuaim mor, chriothnaich an talamh, agus bha mill mhora de pholl ’s de dh’ uisge goileach, luath agus clachan air an tilgeadh suas bho mhullach na beinne. Bha na glinn mu’n cuairt air an lionadh le tuiltean loisgeach, agus gus gnothuichean a dheanamh na bu tur-mhiosa, chuir na h-aimhnichean thar am bruachan, agus sguab iad air falbh an sluagh bochd a bha feuchainn ri teicheadh. Bha am poll goileach agus a ghriosach air an cur a mach le leithid de neart ’s gu’n do thuit moran de’n da sheorsa ann an àiteachan a bha da fhichead mile air falbh. Ceithir latha an deigh sin, bha brùchdadh eile ann, moran na bu ghairge na cheud te. Bha crith-thalmhainn mhor ann, agus thuit barr na beinne agus an darra taobh dh’i a stigh. Dh’ éirich cnuic far nach robh gin roimhe, agus dh’ atharraich aimhnichean an cùrsa, agus ann an aon oidhche bhàthadh faisg air da mhile pearsa. Astar beag o’n bheinn bha amhuinn a ruith troimh bhaile mor, agus b’e cheud fhios a fhuair an sluagh air an sgrios uamhasach so cuirp dhaoin’ agus ainmhidhean fhaicinn a falbh le sruth na h-aimhne. Anns an sgiorradh uamhasach so, cha bu lugha na ceud us ceithir bailtean deuga a chaidh a dhith-làrachadh, agus chaidh ceithir mile sluaigh a mharbhadh. (Ri leantuinn.) Duanag Ghaoil. LUINNEAG. Cha ’n ioghnadh na gillean, na gillean na gillean; Cha ’n ioghnadh na gillean ’bhi sireadh do phog, ’S tu ’nianag a ghrinnis; do ghruaidh tha mar shiris, ’S do bheul tha cho mìlis ri bilibh an ròis. ’S i m’ ailleagan nasal ni ’n òg a chuil dualaich; Bu chaomh leam do ghluasad ’s do bhuadhan o m’ oig’, ’S an gaol ’thug mi beag dhuit cha chaochail e ’m feasda, Tha e ’cinntinn gun teagamh ni ’s treise gach lo. Tha iomhaigh a h-ailleachd ’n am chridhe gun fhagail; ’S e dh’ fhag mi mar tha mi bhi ’ghnath air a toir, Mar àile bho ghàradh tha anail mo ghraidh-sa; Bu leasachadh slainte suidh’ lamh ris an oigh. Gur pisntach mo staid dheth ’s mi ’g iarraidh do chaidrimh; Is bliadhn’ leam gach seachduin ’s an tachair thu ’m choir, Mo shlainte agus m ’eislean tha d’ laimhsa le cheile; ’S tha ’n t-ordagh dhuit reidh mi ’dhol eug no bhi beò. Cha ’n eil atharrachadh sam bith air cùisean ann an Armenia. Tha ’n Turcach air a chead fhéin fhathast, agus ged tha e gealltuinn ’sa sior-ghealltuinn deanamh na’s fhearr, cha’n eil moran dhe choltas air. Tha ’san ainm gu bheil Breatuinn ’s an Fhraing us Ruisia a’ deanamh deiseil air son gabhail aig an t-Sultan, ach co-dhiu is firinn no breug sin tha e doirbh a ràdh. Tha cho liutha sgeul dhe’n t-seòrsa sin a tighinn ’s nach dean math a bhi toirt moran creideis dhaibh. Ann an cearnan araidh de Norway, ’nuair a theid duine bhàthadh, theid coileach a chur ann am bàta agus iomradh air ais ’s air adhart mu’n àite ’san do thachair an sgiorradh. Tha iad an dùil gu’n goir an coileach an uair a bhios am bàta direach os cionn a chuirp. [TD 186] [Vol. 5. No. 25. p. 2] Gearr Chunntas mu Chuid de na Fineachan bu Lugha ’s an Eilean Sgiathanach. LEIS AN URR. NIALL GRANND, GLEANNDAIL. Bho shean bha daoine treuna a’ gabhail còmhnuidh ’s an eilein Sgiathanach araon ann an dùthaich Mhic Leòid agus ann an dùthaich Mhic Dhòmhnuil. Bha sealbh aca sin air an dùthaich mu ’n d’ fhuair Clann Dòmhnuil no Clann Mhic Leòid còraichean sgriobhte oirre. Fhuair na Dòmhnullaich, no clann Huisdean mar theireadh iad, cead tuineachadh ann an Sléibhte ’s a’ cheathramh linn deug. Bha iad a’ sgaoileadh gu ceann tuath an eilein mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh iad, gus an d’ rinn iad mu dheireadh greim daingeann air Sléibhte, agus air Tròtirnish. Cheannaich am Morfhear Dòmhnullach an Strath no duthaich Mhic Ionmhuinn ’an 1778. Bha sealbh aig na Dòmhnullaich mar sin air taobh an ear an eilein bho thuath gu deas. Bha Tròternish ré uine fhada na cnàimh còimhstrith eadar na Leòdaich agus na Dòmhnullaich siol Tormaid a mach á Tròternish. Is iomadh cath gailbheach agus còmhrag ghuineach a chuireadh eadar an da fhinne thréin ud mu ’n do thachair sin. Bha teine agus claidheamh a’ sgrios agus a’ fàsachadh na dùthcha, gus nach mòr nach deach’ an sean luchd-àitich a ghearradh as gu tur. Ach thàinig lasachadh air a chùis mu ’n bhliadhna 1528, an uair a fhuair na Dòmhnullaich le còmhnadh siol Torcuil a chuid a b’ fhearr de na Leòdaich. Agus mu dheireadh anns a’ bhliadhna 1539 chaidh siol Tormaid fhuadachadh gu tur a mach a Tròternish agus ghabh Mac Dhomhnuil nan Eilean sealbh air caisteal làidir Dhuntuilm, agus ghabh e còmhnuidh ’n sin. ’Nis na mhair beò de de ’n t-seann luchd-àitich ann an Tròternish, bha iad umhal do Mhac Dhòmhnuill agus chog iad fo bhrataich bho sin a mach le bann-màil duine (bond of manrent). Gidheadh thàinig cuid de ’n mhair beo de ’n muinntir sin gu cliu agus àirde agns ainm a chosnadh dhoibh féin. Anns a chunntas a leanas, cha ’n ’eil a rùn orm ach geàrr iomradh a dheanamh air cuid de na fineachaibh a ghabh còmhnuidh ’s an Eilein Sgiathanach. I. ANN AN DUTHAICH MHIC DHOMHNUIL. (1) Clann Mhic ’Ille Mhàrtuinn. (2) Clann Mhic Cuinn. (3) Clann Mhic Neacail. II. ANN AN DUTHAICH MHIC LEOID. (1) Clann Mhic Ascuill. (2) Clann Mhic Suibhne. (3) Clann Mhic Raild. ANN AN DUTHAICH MHIC DHOMHNUIL. I. CLANN MHIC ’ILLE MHARTUINN. Bha Clann Mhic ’Ille Mhàrtuinn bho cheann ùine mhòr a gabhail còmhnuidh ann an ceann tuath an Eilein Sgiathanaich. Bha ’n còmhnuidh san-air an taobh ’n ear de Thròternish, ann am Flodigearridh Stéinsheal, Màligeir agus ann am Marishadder. Tha e air aithris mu ’n deaghain, gu ’n robh iad ’nan daoine làidir, curanta, treuna, gaisgeil. Theirteadh sgir Chille Mhartui n ris an taobh ’sear de Thròternish agus sgir Chille Mhuire ris an taobh ’siar de ’n dùthaich sin. Tha sin a leigeadh ris gu ’n robh na Martuinnich ro chumhachdach air an taobh ’sear de Thròternish. Is ann gu Uilleam Màrtuinn, duine uasal a bha chòmhnuidh air taobh ’s ear Thròternish a sgriobh Uisdean Mac Ghilleasbuig Chléirich an litir a chuir e gu tubaisdeach gu Dòmhnull Gorm mòr, mac bhràthar athar, ni leis an d’ fhuair mac bhràthar athar, a mach feall Uisdein. Dh’ iarr Uisdean cuideachadh bho Uilleam Màrtuinn air son cur as do Dhòmhnull Gorm mòr. Chuir Uisdean an litir a sgriobh e gu Dòmhnull Gorm mòr, gu Uilleam Martuinn. Anns an litir sin cha robh ni, ach ùmhlachd, agus gràdh, agus modhalachd. Chaidh Uisdean truagh a ghlacadh ’na lion féin, agus a chur gu bàs an-iochdmhor a dhith bidh agus dibhe. Is ann do thaobh ’sear Thròternish a bhuineadh an duine uasal foghlumaichte sin Màrtuinn Màrtuinn a sgriobh mion chunntas mu na h-eileanan a tuath (Arcabh agus Sealtuinn) agus mu ’n eilein fhada agus mu na h-eileanan an iar, eadhon mu ’n Eilein Sgiathanach, Muile, Ile, &c., mu ’n cuairt de ’n bhliadhna 1695. Tha na leabhraichean de ’n cheud chlo-bhualadh a nis gle thearc r’ am faotainn. Tha aon de leabhraichaibh an dara clo-bhualaidh 1716 ann an laimh an neach a ta sgrìobhadh nam briathran so. Shiubhail e féin troimh na h-eileanaibh mu ’n do sgriobh e mu ’n timchioll. Bha e air son aire nan Sasunnach a tharruing gu iasgach mara, agus gnothaichean eile a chur air adhart anns na h-eileanaibh sin. Bha e air son aire an luchd-riaghlaidh a tharruing gu gnothaichibh maithe a chur air chois mar an ceudna. Tha chùis an diugh a’ nochdadh gu’n robh e ceart ’na bharail. Ach co anns an Eilein Sgiathanach nach cual’ iomradh air Màrtuinn Mòr a Bhealaich, duine uasal ainmeil a bha chòmhnuidh air an taobh ’sear de Thròternish mu àm cogadh Phrionnsa Teàrlach. Bha Màrtuinn Mòr eireachdail ’na phearsa agus ’na dhuine làidir treun. Ach gus an gearr iomradh so a thoirt gu crich ainmichidh mi teaghlach Mharishadder. Bha ’n teaghlach bho ’n tàinig fear Mharishadder ’n an teaghlach ainmeil air son fialuidheachd agus aoidheachd. Tha òran a rinn duine bochd a bha ’na éigin, a nochdadh so. Cha ’n ’eil air mo chuimhne ach beagan bhriathran dheth:— “Thog mi orm gu h-aithghearr Gu fear Mharishadder shuas, B’e sud righ nan ceannaichean, ’S mo bheannachd-sa dha buan; ’S ma bhios mise maireann, Cha bhi esan falamh duais.” Tha so coltach d’ a thaobh an duine bhochd so, an uair a dhiùlt gach duine e, gu ’n t-fhuasgail Màrtuinn mòr air. B’e ’n t-Urramach Maighstir Aonghas ministeir sgire Shnisort bràthair Mhàrtainn mhòir. Bha e ’na shearmonaiche comasach, blath agus deas. Bha dithis eile de ’bhraithribh ’nan lighichibh, Dòmhnull agus Neacal, dithis a choisinn cliu mòr anns an dreuchd sin. Bha ’n t-Ollamh Dòmhnull ’na dhuine uasal ainmeil anns an diadhachd, agus ged nach ’eil gràs a’ ruith ’s an fhuil thàinig falluing athar a nuas air a mhac-san an t-Urramach Maighstir Dòmhnull Màrtuinn, ministeir na h-eaglais saoire ann an Steòrnabhagh. Bha ’n t-Ollamh Neacal ’na dheadh uachdran fearrainn, agus is tric a thug e cuid de a mhaoin seachad ann an cungaidhibh leighis, maille ri chuid eòlais do dhaoinibh truagha. Bha dithis eile de’n teaghlach ainmeil so mu nach urrainn mi cunntas a thoirt, Alastair a bha ’n tir chéin agus a dh’ fhàg teaghlach còir ceanalt as a dhéigh, agus Somhairle a bhàsaich òg. Bha am peathraichean san ’nan suidheachadh féin, ainmeil anns an diadhachd agus a cur maise air an aideachadh. Guidheam saoghal fada agus sonas buan do na bheil fathast beò de shliochd nan daoin’ uaisle so, oir tha mi fo chomain do ’n uachdran òg cheanalt Neacal Màrtuinn Husboist nach ainmich mi ’s an àm so. II. CLANN MHIC CHUINN. Cha ’n ’eil teagamh nach robh an treubh thapaidh so, air an suidheachadh bho cheann; ùine mhòr ann an Tròternish. Bha ’n Digg agus Toteròme aca so. Cha ’n ’eil e soirbh a dheanamh a mach co uaithe a thàrmaich iad so. An ann bho Chonn ceud-chathach a thàinig iad? Tha na Domhnullaich iad fèin a cumail a mach gu ’n tàinig iad o ’n ghaisgeach dhiamhair sin. Ach co dhiubh, their mi gu ’n d’ éirich daoin’ ainmeil de threubh Clann Mhic Chuinn, anns an Eilein Sgiathanach gu airde agus cliu ann am foghlum agus ann an misneach. Co air nach cual iomradh air Mac Chuinn beag a bha ’n Digg, mu’m bheil e air aithris gu ’n robh e pòsda air nighean Mhic Dhòmhnuill Duibh, Ceann-Cinnidh nan Camshronach. Tha beul-aithris ag innse dhuinn gu ’n do chuir Mac Dhòmhnuill Duibh ceist air a nighinn, bean Mhic Chuinn bhig le tàire air son cho bochd ’s a bha Mac Cuinn; “An fhiach do mhulchag sgillin?” Ach leig Mac Cuinn fhaicinn gu ’n robh araon spréidh agus fir chogaidh aige mar an ceudna. Bha Gilleasbuig Mac Cuinn Thoteròme ’na dhuin’ uasal eireachdail. Bha e posda ri nighinn mhic ’Ille Chaluim Raasa; agus bha Iain Mac ’Ille Chaluim posda ri Nic Cuinn Thoteròme. Mar sin bha cleamhnas mòr eadar teaghlach Raasa, agus Clann Mhic Cuinn, ni a tha nochdadh gu ’n robh Clann Mhic Cuinn ’nan daoinibh uaisle cumhachadh. Fhuair an t-Ollamh Mac-Iain (Dr. Johnson) daoine fòghluimte ’s an Eilein Sgiathanach an uair a bha e air chuairt ’s na h-eileinibh an iar. ’Na ’measg so, bha ’n t-Urramach Domhnull Mac Cuinn agus a bhrathair. Bha ’n t-Ollamh Mac Cuinn agus e ’na mhinisteir ann an sgir Chille Mhuire, agus cha robh an Gaidhealtachd na h-Alba neach a b’ fhoghluimte mar an robh an t- [TD 187] [Vol. 5. No. 25. p. 3] Ollamh Iain Mac-a-Phearsain Shléibhte ann. Bha ’n dithis sgoileirean ainmeil so ann an cleir an Eilein Sgiathanaich ’s an àm so. Bha ’n t-Ollamh Dòmhnull Mac Cuinn ’na shearmonaiche soisgeulach. Sgriobh e litrichean cothromach mu eachdraidh Alba leis an fheallsanach Hume; agus mar an ceudnadh ’eadartheangaich e coig leabraichean Mhaois gu Gailig, agus sgriobh e litrichean air cleachdaidhibh shean treubhan, a chuir e gu Maighstir Stiubhart an Lus. Chaochail e ’n Raasa ’s a’ bhliadhna 1785. Tha Boswell ag innse dhuinn gu ’n d’ innis brathair Mhaighstir Mhic Cuinn dha gu ’m b’ e fein an ceathramh glùn de ’n teaghlach a bha leantuinn ’na ’m ministeiribh ann an sgir Shnisort. Tha so a nochdadh gu ’m bu daoin’ uaisle cothromach iad. Bha mac an Ollaimh Mhic Cuinn ’na mhinisteir ann an sgir na Comraich an siorramachd Rois agus mac eile dha ’na lighich’ ann an Norfolc ann an Sasunn, agus nighean dha pòsda ris an Urramach Ruairidh Mac Leòid a bha na mhinisteir ann an sgir Bhracadail roimh Mhr. Iain Shaw. Bha moran againn eòlach air an Urramach Maighstir Mac Cuinn Shrontain a bha searmonachadh ’s an eaglais iarainn ’s an sgir sin. Bha e’ ris ’na mhinisteir ann an Deibhidh dluth air Inbhirnish. Cha robh anns a Ghaidhealtachd ’s an linn so, neach bu mhilse a bheireadh an soisgeul seachad na Maighstir Mac Cuinn. Bhuineadh e do Uige ann an Tròternish. Tha ’mhac ’na mhinisteir ann an sgir Chill-tighearn an siorramachd Rois, agus nighean dha pòsda ris an Urramach Maighstir Camshron a Bhac an Leodhas. Chumadh e ro fhada sinn a nochdadh mu chuid de ghniomharaibh tapaidh cuid eile de ’n treubh dhuineil so; ach tha so na ’s leor gu nochdadh gu ’m bu daoine treuna ainmeil iad. Bha iad a cogadh fo bhrataich Mhic Dhòmhnuill mar a bha na Martuinnich. III. CLANN MHIC NEACAIL. Bha ’n treubh so ’gabhail còmhnuidh bho cheann ùine mhòr ’s an Eilein Sgiathanach. Bha iad a chòmhnuidh ann an bràighe Thròternish, agus suas mu dheas do Phortrigh. Bha teaghlach ainmeil dhiubh ann an Scorabreac fad cheudan bliadhna. Tha ’n sgeir ris an abrar sgeir Mhic Neacail dluth do Phortrigh. Thainig iomadh gaisgeach treun a nuas bho theaghlach Mhic Neacail Scorabreac; bu mhaith leinn cunntas a thoirt orra na ’m b’ urrainn sinn. Co dhiubh a thainig an treubh so ’nuas a Earraghael anns am faigh sinn treubh Mhic Neacail? (Mac-Nicols) cha ’n urrainn sinn a radh. Ach tha so cinnteach gu ’n robh Clann Mhic Neacail ’s an Eilein Sgiathanach bho cheann còrr agus sea ceud bliadhna. Chi sinn gu ’n robh aon de na longaibh a bhuineadh do Righ Haco, air a riaghladh le Aindreas Mac Neacail anns a bhliadhna 1263. Bha ’n t-Urramach Domhnull, no Daniel Mac Neacail ’na mhinisteir sgire Chille Mhuire an Tròternish mu ’n bhliadhna 1690. Bha e ’na dhuine foghluimte anns an là ’s an robh e beò. A ris bha ’n t-Urramach Iain Mac Neacail ’na mhinisteir sgire Phortrigh tuilleadh agus dà fhichead bliadhna. Chaochail e mu ’n bhliadhna 1803. Dh’ fhàg e £140 aig bochdaibh Phortrigh. Bu duine uasal, coir, fiadhluidh e, agus bha e de nàdur deirceil. Tha e air aithris mu ’n Urramach so leis an Fhear-lagha Alastair Camshron (a sgriobh moran mu ’n Eilein Sgiathanach) gu ’n robh am Morair Domhnullach ag eisdeachd searmoin bho Mhac Neacail ann an eaglais Phortrigh. “C’arson nach d’ ainmich thu mise ’n a’ d’ ùrnuigh,” ars am Morair. “Dhùin mi steach thu,” ars Iain, “am measg nam peacach air son an robh mi tagradh.” Thainig moran de Chloinn Mhic Neacail air adhart gu maith anns an linn a dh’ fhalbh a bha ainmeil mar dhaoine uaisle clìutach. ’Nam measg so bha Calum Mac Neacail, no Calum Husaboist athair an duine uasail chliutaich agus an sgoileir Ghailig ainmeil sin an Siorram Mac Neacail. Bha Calum Mac Neacail ’na uachdran air oighreachd Husaboist far an d’ rugadh Alastair a mhac. Bha Calum Husaboist na dhuine geur-chuiseach, agus pòsda ri Mòrag Ghrannda, nighean do ’n duine uasal sin Domhnull Grannda Uillinish. Bha moran agaibh eolach air an t-siorram Alastair coir, ann an Grianaig. Fhuair e deadh oideachadh an tigh athar. Bha ’athair ann an deireadh a laithean ’na dhuine diadhaidh, agus is tric a thug e fasgadh agus fardach do shluagh an Tighearna. ’Nuair a bha Alastair ’s an Oil-thigh bha ’shuil ri tighinn a mach ’na mhinisteir ach dh’ atharraich e ’inntinn agus thionndaidh e gu bhi ’na fhear-lagha. Bha spiorad na bàrdachd aige ann an tomhas mòr. Bha gradh mòr aig an t-siorram chòir cheanalta so d’ a dhùthich, agus do na Gaidheil ann an coitcheantas. Sgriobh e moran mu ’n Ghailig agus chuir e cruinn mòran Shean-fhocal no ghnath-fhocal agus tha ’n leabhar sin measail aig mòran. Tha Clann Mhic Neacail gu math lionmhor fathast ’s an Eilein Sgiathanach agus mòran dhiubh ann an doigh mhaith, agus is maith leinn gu bheil iad mar sin. Bha iad bho thùs a’ cogadh fo bhrataich Mhic Dhomhnuill nan Eilean. II. AN DUTHAICH MHIC LEOID. I. CLANN MHIC ASCUILL. Their mi nis beagan mu ’n treubh ainmeil so, treubh nach robh ni bu tréine a réir an àireamh ann an Gaidhealtachd na h-Alba. Tha Mac Ascuill a ciallachadh ac Asgailt, no Mac Achlais a ciallachadh do réir mo bheachdsa, ni a ta nochdadh cho dluth ’s a bha ’m fear so air cridhe an neach a dh’ àraich e. Bha ’n treubh so a chòmhnuidh ann am Minginish agus ann am Bràcadal agus ann an Rudha-an-Dunain ann an dùthaich Mhic Leòid. Gheibhear Gleann Mhic Ascuill ann an sgir Bhràcadail agus bha Mac Ascuill Eboist pòsda ri piuthar Mhic ’ic Thormoid Ghesto. Tha e air aithris nach mòr nach deach an treubh so a ghearradh as gu h-iomlan anns a bhlàr fhuileachdach a chuireadh eadar na Domhnullaich agus na Leodaich mu ’n bhliadhna 1601 air taobh beinn Chuthillin, dluth air Coire na Creiche, far am bheil e air aithris gu ’n do mharbhadh naoi naoinear (81) de chlainn Mhic Ascuill. Bha teaghlach Rudha-an-Dunain air cunntas ’nan teaghlach cho treun, ’s cho tapaidh ’s a gheibhte anns an Eilein Sgiathanach. Chaidh Domhnull an Rudha, no Domhnull Mac Ascuill, am fear mu dheireadh de ’n teaghlach uasal ainmeil so, air imrich do Nuadh-Sealain, far an do chaochail e bho cheann aireamh bhliadhnachan. Ma dh’ fhàg e teaghlach cha ’n fhios dhomh, ach cha ’n eil ach beagan bhliadhnachan o ’n chaochail piuthar dha. Bha Dòmhnull an Rudhna air a chunntas ’n a dhuine cho treise, agus cho dreachmhor ’na phearsa ’s a gheibhte ann an Gaidhealtachd Alba. ’Nuair a dh’ fhàg na Leodaich Talascar fhuair Eoghan Mac Ascuill, no Eoghan Mòr (mar ’theirte) sealbh air an àite sin. B’ fhior dhuine còir fialuidh Eoghan Mòr agus Coinneach a bhràthair. Chuir iad so a phoit-dhubh air dòigh, agus bha uisge-beatha Thalascair iomraideach do bhrigh ’s gu ’n robh e air a tharruing le smior na mòine. Co air nach cual iomradh air an Ard-Sheanalair urramach ghaisgeil sin Sir Iain Mac Ascuill, K. C. B., mac an Dotair Mhic Ascuill a bha ’s an t-Struthan? Bha piuthar an t-seanalair, Seònaid nighean an Dotair ré ùine mhòr a fuireach ann an tigh mòr Bhatarstein le clann an Urramaich Maighstir Uilleam Beaton, ministeir sgire Dhuirinish ’sa ’n àm àm sin. Is ann as an Eilein Sgiathanach a chaidh Clann Mhic Ascuill do Leòdhas agus do Ghleann-eilg. Tha cuid aca so na ’m ministeribh soisgeulach fileanta, mar a ta ’n t-Urramach Murchadh Mac Ascuill ann an Inbhirfeothrain, agus Iain Mac Ascuill am Baile a’ Chaolais. Tha e air aithris mu dheadhain Clann Mhic Ascuill, gu ’n robh iad an cumantas de mheudachd mhòir; laidir an corp agus an inntinn. Chog iad so gu duineil fo bhrataich Mhic Leoid. B’ iad so luireach mhaileach Mhic Leoid; mar a bha Clann Mhic Rath do chloinn Choinnich. Bha iomadh meanglan de ’n treubh so ’n an còmhnuidh ann an sgir Dhuirinish, mar a bha Clann Ailein Mhòir Harlaish, daoine-uaisle foghluimte, gu h-àraidh Maighstir Aonghas Mac Ailein. Bha clann Phadruig Dhotair nan daoinibh treuna laidir. Cha ’n eil mi dol a dh’ aithris an tràth so mu shliochd fuainn nan ìnean, no c’ar son a fhuair iad an t-ainm sin. Air uairibh gheibhear caora dhubh am measg treud de chaoraich gheala. Mar sin cha chuir so ball-dubh air Clann Mhic Ascuill thréin urramach. Bu mhaith leam tuilleadh rannsachaidh a dheanamh mu ’n treubh so, ach gabhaidh sinn a nis ar cead dhiubh ’s an àm so. (Air a leantuinn, air taobh 190.) [TD 188] [Vol. 5. No. 25. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, DESEMBER 26,1896. Mu’n tig àireamh eile dhe’n MHAC-TALLA mach, bidh a bhliadhna 1896 air ar fàgail, agus bidh sinn le cridhealas a’ cur fàilte air bliadhn’ ùr eile. Tha MAC-TALLA an dòchas gu’n do chuir a chàirdean uile seachad NOLLAIG chridheil; agus tha e a’ guidhe dhaibh BLIADHNA MHATH UR. Leis a chabhaig anns an robh sinn air ar cumail a thaobh an Nollaig a bhi tigh’nn cho faisg, tha àireamh dhiubhsan a chuir a dh’ iarraidh an leabhair “Na Baird Ghàidhealach” gun fhaighinn fhathast. Ach tha sinn a gealltuinn dhaibh gu’n ruig an leabhar iad air an t-seachdain s’a tighinn. Ma tha neach sam bith de luchd-gabhail a phaipear nach eil ’ga fhaotainn cho riaghailteach ’s bu chòir, bhitheamaid ’nan comain ’nan cuireadh iad fios ugainn, a chum ’s gu’m faigh sinn a mach ciod a tha cearr. Cha’n eil toil sam bith againn gin de luchd-leughaidh MHIC-TALLA a bhi as ’aonais seachdain dhe’n bhliadhna, agus cha bhi iad mar sin ma’s urrainn dhuinne ’chuideachadh. Aireamh sam bith a chaillear, feuchaidh sinn r’a chur air adhart cho luath sa gheibh sinn fios. Tha an cogadh a sior dhol air adhart ann an Cuba. A reir gach coltais tha Maceo, ceannard nan Cubach, marbh, ach cha’n eil fios cinnteach ciod a ghnè bàis a dh’fhuiling e. Cuid a their gu robh e air a mharbhadh le foill, mar a dh’ innis sinn air an t-seachdain s’a chaidh; cuid a their gu’n deach a phuinnseanachadh, agus cuid eile, na Spainntich, a their gu’n do thuit e ann am blàr. Cha’n eil teagamh nach eil e marbh, ach ged a tha, agus ged a b’e duine bu tapaidhe a bh’ aig na Cubaich air an taobh, cha’n eil iad gun dhaoine eile a lionas àite, agus a chumas an cogadh air adhart. Tha Weyler ag radh gu’n cuir e crioch air a cheannairc an taobh a stigh de mhios eile, ach cha’n eil duine creidsinn sin; tha i nise ann cho fada ’s air fàs cho laidir ’s nach gabh i cur fodha an uine gle ghoirid. Anns an ath àireamh, tha sinn an dùil tòiseachadh air àireamh de “Sgeulachdan Arabianach” a chlo-bhualadh. Tha iad air an sar sgriobhadh, agus cha’n urrainn iad gun chòrdadh riutha-san a leughas iad, agus ged a tha cuid dhiubh nach eil air an stéidheachadh air firinn, cha’n eil aon dhiubh nach eil a teagasg gliocas no firinn eiginn a bhios feumail do na h-uile. Tha moran gliocais agus foghluim ri fhaotainn bho sgeulachdan nach faighear air dòigh sam bith eile, agus ged a gheibheadh nach biodh a faisg cho furasda ’n cumail air chuimhne. Tha ’n àite féin aig sgeulachdan ann an litreachas gach sluaigh, agus tha iadsan a chuireadh as daibh a cur call orra fhéin agus air muinntir eile. Tha na Sgeulachdan Arabianach so, ris an abrar anns a Bheurla The Arabian Nights, iomraiteach anns gach dùthaich, agus bha iad air an eadar-theangachadh gu iomadh cànain. Cho fad ’s is aithne dhuinn ’se so a cheud oidhearp a thugadh air an cur ann an Gàilig, agus tha sinn cinnteach ’nuair a chi ar luchd-leughaidh iad ’sa MHAC-TALLA, gun abair iad gu bheil an obair air a deagh dheanamh. Gheibhear air a cheud duilleig dhe ’n àireamh so, cunntas aithghearr air aon de ioghnaidhean an t-saoghail, ’se sin beanntan-teine. Tha e ri bhi air a chriochnachadh anns an ath àireamh, agus an deigh sin bheirear seachad cùnntas ghoirid air cuid eile de dh’ ioghnaidhean an t-saoghail, mar a tha crithean-talmhainn agus an leithide sin. Tha iad so air an sgriobhadh gu sònruichte air son na h-òigridh, ach tha sinn a’ creidsinn gu’m bi iad taitneach do mhuinntir eile cuideachd. Tha a dha uiread gu leth sluaigh ann am Mecsico ’sa tha ann an Canada. Cha’n eil Mecaico cho farsuinn ri Canada, ach bha i air a h-àiteach fada roimh Chanada. A rithist tha ’n t-side gle bhlàth, tha gach pòr a’ fàs gu pailt, agus mar sin tha e soirbh do dhaoine bhi beò innte. Tha tuathanaich Mhanitoba ’s an Iar-Thuath a deanamh am fortain air a gheamhradh so. Tha ’n crithneachd anabarrach pailt, agus thatar a faotainn pris mhath air. Bha am bàrr fad air ais anns na h-Innsean agus ann an dùthchannan eìle a b’ àbhaist a bhi togail moran crithneachd; tha sin ’ga fhàgail gann, agus a toirt pris mhath air dhaibhsan aig am bheil e. Chaochail Rob Mac Coinnìch, bràthair do ’n Onarach Alasdair Mac Coinnich a bha na Phriomhair air Canada, ann an Sarnia, an Ontario, o chionn ghoirid, ’se tri fichead bliadhna ’sa naodh deug a dh’ aois. Bha seachdnar bhraithrean anns an teaghlach, agus cha ’n eil gin dhiubh beò an diugh ach aon fhear d’ an ainm Tearlach. Tha muinntir Shidni Tuath gu dian air sailtibh luchd-reic deoch làidir. Cha’n eil ach ùine ghoirid o’n thòisich iad, ach ged nach eil, tha roinn mhath aca air an cur an sàs cheana, agus tha cuid dhiubh air am faotainn ciontach, Bha aon fhear air fhaotainn ciontach an darra uair, agus chuireadh cain leth-cheud dolair air. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 189] [Vol. 5. No. 25. p. 5] NAIDHEACHDAN. Ann am Brockville, an Ontario, an taobh a stigh de che’-la-deug, chaochail a h-uile duine bh’ ann an teaghlach fir Fred Bramley—e-fhein ’sa bhean ’s dithis chloinne, leis an anhaich ghoirt. Tha ’n coirce creic ann an Eilean a’ Phrionnsa air 25c. am buiseal; am buntata air 20c. gu 22c.; fiar, $7.50 gu $8.50 an tunna; ìm, 18c, gu 20c. am punnd; agus uibhean 16c. gu 18c. an dusan. Chaidh fear Micheil Cathcart a ghoirteachadh cho dona aig Meinn Victoria a sheachdain gus an dé ’s gu’n do chaochail e. Thuit e air an rathad-iaruinn agus chaidh na casan aige a phrannadh. Chaochail e Di-luain. Chaidh tigh le fear Fearchar Cochrane ann a Wentworth, N S., ’na theine air an t-seachdain s’a chaidh, agus a dhithis chloinne, aois da bhliaadhna ’s ceithir bliadhna, a losgadh gu bàs ann. Bha na pàrantan air falbh o’n tigh aig an àm. Chaidh am bàta-smuide Hygeia an àm a bhi falbh á Sidni ’sa mhaduinn Di-ciaduin, a ghearradh cho dona leis an deigh, ’s gu’m b’ fheudar a ruith gu tir gus a cumail o dhol fodha. Bha an oidhche roimhe sin gle reòta, agus bha ’n deigh gu math làidir. Chaidh sia ceud mile dolair a dhiultadh air meinn òir ann an Rossland, an Columbia Bhreatunnach. ’S e cuideachd Shasunnach a thairg an t-suim sin oirre; tha cuideachd á New York a’ tairgse seachd ceud mile oirre, agus ’se ’s docha gu ’n teid a creic air a sin. ’S e fior dhroch stoirm a bh’ ann air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i aca anns gach àite eadar so us Boston. Thuit meall mor sneachda ach leis mar a chath e, tha na ròidear gle dhona. Ann an àiteachan tha citheacham mora, agus an àiteachan eile tha ’n talamh rùisgte. Chaidh an soitheach Annie Roy, a bha air a turus eadar Louisburg us Halifax a bhristeadh aig Acarsaid Isaic oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair an sgioba gu tir sabhailte an deigh moran fhulang leis an fhuachd, ach cha do shàbhail iad ni dhe na bha air an t-soitheach. Tha luchd-siridh an òir ag obair gu trang ann an Cheticamp. Tha am fearann cha mhor uile air a ghabhail, agus tha piosan air am bheil barrachd us aon duine ’tagairt còir, agus tha iad air a dhol a’ lagh mu ’n timchioll. Tha eagal oirnn gu ’n caill cuid dhiubh air an lagh barrachd ’sa ghleidheadh iad air an òr, ged a gheibheadh iad e. Tha ’n Dotair Dùghlach, ann am Parrsboro, N. S., air ainmeachadh leis na Conservatives gus feuchainn ri faighinn do phàrlamaid Nobha Scotia air son siorrachd Chumberland. Tha an Dotair Dùghlach a mhuinntir Hogomah; is mac e do Lachuinn Dùghlach a bha àireamh mhor bhliadhnaichean ’na cheannaiche ’sa bhaile sin. Chaidh fear Caiptean Hayes, a mhuinntir Souris, E. P. I., a bhathadh faisg air Drochaid Mhontague feasgar Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha an soitheach aige mu dha mhile fo’n drochaid am meadhon na h-aimhne. Chaidh e stigh do’n bhaile, agus dh’ fhuirich e ann a dha no tri dh’ uairean, agus an sin dh’ fhastaidh e duine gus a chur dh’ ionnsuidh na laimhrig. Dh’ fhàg an duine sin e air an laimhrig eadar naodh ’sa deich a dh’ uairean ’san oidhche, ’se dol dh’ an bhàta. Cha’n fhacas tuilleadh beò e. Bha deigh a tig’nn air an amhuinn, agus thatar a deanamh a mach gur ann a feuchainn ris a bhàta chur troimpe bha e ’nuair a thuit e mach. Fhuaireadh am bàta agus ad a chaiptein anns an deigh feasgar Di-satharna, agus Di-luain fhuaireadh a chorp mu fhichead slat bho thir. Thug sinn iomradh air an t-seachdain s’a chaidh air bàs aithghearr an Dotair I. R. MacGilleain ann an Amherst. Mu’n deach a thiodhlacadh thainig fios á Boston gu robh bràthair eile dha marbh. ’S e tigh’n ri bheatha fhéin a rinn am fear sin. Bha e ’na dhotair-fhiacal, agus air a mheas na dhuine gle thapaidh. Bha e 44 bliadhna dh’ aois, agus na dhuine stuama, measail. Cha’n eil fhios ciod a thug air cur as da fhein. Bhreith Chriosd. ’Nuair bha uisgeachan Iordain, Gu còmhnard fo phràmh, Is air sliabh maiseach Shìoin Bha sàmhchair na tàmh; ’N uair bha buachaillean Bhetle’m A’ faireadh nan tréud, Ri solus nan rionnag; ’S ga ’n dìon o gach béud; Feuch, fuaimean neo-thalmhaidh, Gu h-àrd os an ceann, Do chual iad o chian astar Dorcha nam beann, A’ dlùth’chadh le ceòl Agus moladh ro bhinn— Ghrad lìonadh an crìdh’chan Le aoibhneas ’bu ghrinn. Air amharc a suas dhoibh Ghrad chlisg iad gu leir, Oir le gathan ùr’, boillsgeach, Las gorm-bhrat’ nan spéur; Dhòirt na nèamhan a mach Troimh an geatachan òir, Sluagh gun àirimh de dh’ ainglean, ’S iad sgeadaicht’ le glòir. Air carbadan dealrach ’S sgiathan geal mar an sneachd, A nuas air an oidhche Ghrad thùirling am feachd; Chual’ na nèamhan a b’ àirde A’ chaithream ’s an toirm, ’N uair bhuail iad an clàrsaichean, ’S ’sheinn iad le foirm: “O Shìoin, le subhachas Tog suas do shùil; Tha an t-àm a nis faisg Ris am b’ fhad bha do dhùil; Tha nàdur uil’ aoibhneach ’S fiamh-ghàir’ air a gruaidh; Prionnsa Shàleim tha tighinn Gu rìogh’chadh le buaidh! “Fèuch, Tròcair tha dòrtadh A soireachan òir, Do luchd-caoidh sruithean sòlais Gu fialaidh ’s gu leòir; Tha i ’ceangal le cùram Gach cùirraidh is leòin A th’ air crìdh’chan gun dòchas Na dream tha fo bhròn. “A chur misnich ’s na crìdh’chan Làn geilt, tha e ’teachd; A thoirt buaidh air an Diabhul, E fhéin ’s a chuid feachd; Theich an duibhre roimh aghaidh Réul oirdhearc an là; Rìs tha doireachan Edein Gu h-ùrar fo bhlàth. “O Shìoin, le subhachas Tog suas do shùil; Tha an t-àm a nis faisg Ris am b’ fhad’ bha do dhùil; Tha nàdur uil’ aoibhneach, ’S fiamh-ghaìr’ air a gruaidh; Prionnsa Shàileim tha tighinn Gu rìogh’chadh le buaidh!” D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 190] [Vol. 5. No. 25. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 187.) II. CLANN MHIC SUIBHNE (MACSWEEN). Bha ’n treubh aosmhor so a tàmh ann an Roag dluth do Dhunbheagain. Cia as an t-àite bho ’n tàinig iad do ’n Eilein Sgiathanach cha ’n fhios dhomh. Tha ’n t-ainm Suibhne coltach ri ainm Lochlunnach, ged gheibhear an t-ainm Suibhne no Suibne ’s an t-seann chànain Eirionnach, mur ann a Earraghael a thàinig iad? Ann an Cnapdal tha caisteal Suibhne agus Loch Suibhne, ged nach fhaigh sinn an diugh aon de ’n treubh anns an àite sin. Tha so cinnteach gu ’n robh Mac Suibhne ann an Roag bho cheann tuilleadh a’ s ceithir cheud bliadhna. Cha ’n urrainn sinn ach gle bheag a ràdh mu ’n treubh so a bha cho dluth an dàimh do Mhac Leòid Dhunbheagain. Gheibh sinn an t-Urramach Maighstir Mac Suibhne ’na mhinisteir ann an Diùra bho cheann còrr agus dà cheud bliadhna 1690. Tha e soilleir gu ’m bu Sgiathanach e. Bha ’m fear mu dheireadh de chloinn Suibhne Roag, no Fear Roag (mar a theireadh iad) ’na fhior dhuine uasal. Is e teaghlach nighean a dh’ fhàg e. Bha Marsali posda aig Mac Ille Léith. Coltach ris an amadan a bha ’m baile na h-Aithne, bha e toirt a chreidsinn air féin, ga ’m bu leis gach long a chitheadh e ’gabhail seachad. Dh’ fhàg ’athar-céile am fearann aige, ach cha b’ fhada gus an do strùidh e le gòraiche. Bha Carstiona aon eile dhiubh so, pòsda ri Caiptean Iain Mac Leòid, Bharcasaig. Bha teaghlach Bharcasaig ’na ’n teaghlach cho cliutach ainmeil ’s an arm, agus a dh’ éirich rimah ’s an Eilein Sgiathanach na ’n àite ’s am bith eile, saor bho theaghlach Scalpaidh a mhàin. Bha mòran dhe’n teaghlach so ’n an ard ofigich ’s an arm Bhreatunnach, mar a bha Sir DomhBnull harcasaig, &c., &c. Dh’ innis Carstiona Roag dhomhsa an uair a bha mi gle òg, nach d’ fhuair i mòran de thoil-inntinn bho Chaptean Iain. Is ann an sin a thubhairt i rium, gu ’m b’ ise, nighean fir Roag, ogha fir Roag, iar-ogha fir Roag, agus dubh-ogha fir Roag. Dh’ innis mi do ’m phàrantaibh an uair a thàinig mi dhachaidh gu ’m faca mi nighean fir Roag, ogha fir Roag, iar-ogha fir Roag, agus dubh-ogha fir Roag. “Is tu chunnaic an sealladh” thubhairt iadsan. Agus co bh’ ann ach an aon te—Cirstuidh Roag. Tha beagan de chloìnn Suibhne fathast ann an Roag, ach is daoine cumanta iad, ged tha iad gleusda gu leor anns an t-suidheachadh a th’ aca. III. CLANN MHIC RAILD. Tha Eachdraidh ag innse gu ’m bu Lochlunnaich iad so, agus gu ’n do thuinich iad ann an Dunbheagain, mu ’n d’ fhuair na Leodaich sealbh air an dùthaich. Phòs Mac Leoid nighean Mhic Raild an Ridire Lochlunnach, agus fhuair e mòran fearainn leatha. ’Nuair a fhuair Mac Leoid sealbh air an dùthaich, dh’ fheuch e ris na h-uile cumhachd a thoirt bho Chlainn Mhic Raild a bh’ aca roimhe so. Dh’ fheuch e ri’ chuideachd féin a thogail gu inbhe, agus Clann Mhic Raild a’ leagadh cho iosal ’s a b’ urrainn e. Is e sin an t-aobhar nach ’eil cunntas air mòran de ’n fhine sin a bhi an àrd-inbhe bho cheann ùine mhor, agus nach ’eil iad ann ’s an linn so, mar an ceudna. B’ aithne dhomh an lighiche ainmeil sin, Domhnull Mac Raild, neach a bha ’na dheadh sgoileir Ghailig, Laidinn, agus Gréigis. Rugadh e ann an Hàrlaish agus dh’ fhoghlumadh e le Maighstir Aonghas Mac Asguill, brathair a mhathar gus an deach’ e do ’n Oil-thigh. Dh’ fhag an lighiche Mac Raild bantrach agus teaghlach ann an Grianaig, far an do chaochail e bho cheann beagan bhliadhnachan. Bha ’n lighich’ ainmeil so bàigheil ri muinntir an Eilein Sgiathanaich, agus is tric a chosd e’ shaothair agus a mhaoin air son feum dhoibh. A nis tha clann Mhic Raild ’gan sloinneadh fein air na Domhnullaich, mar a tha Clann Mhic Cuithein, agus moran fhinneachan eile. Cha ’n eil an sin ach ni faoin, oir cha bhuin lan idir do Chlainn Raonail, am meanglan cumhachdach sin de Chloinn Domhnuill. B’ e Mac Araild (Harold’s son) an t-ainm so bho thùs. Chaidh Mac Araild atharrachadh air son fuaim freagarrach (for euphony’s sake) leis a cheud litir “A” a bhuntainn as agus is so Mac Raild a nis. Tha sinn a leughadh mu Ghodfri Mac Arailt duine cumhachdach a bha beo bho cheann fada. Bu Lochlunnaich iad so, agus mar sin bha iad eadar-dhealaichte bho Chlainn Raonaìl. Is ann an duthaich Mhic Leoid a chàmpuich Clann Mhic Raild, agus is ann fo bhrataich Mhic Leoid a chog iad. Cha d’ rinn Clann Raonail sin riamh ach is tric a chog iad an aghaidh Clann Leoid. Ann an co-dhùnadh a ghearr-chunntais so, tha ’n sgriobhaiche duilich nach d’ fhuair e mor-rannsachadh a dheanamh ni bu mhionaidiche. Ach tha e ’n dochas gu ’n gluais so cuid de sgoileiribh foghluimte Eeilean-a-Cheo, gu iomradh a dheanamh air seann luchd-àitich an eilein bhoidhich a dh’ àraich og iad. Farsuingeach a Chruthachaidh. Cha’n eil ni air talamh a bhos, no air aghaidh nan speuraibh shuas, o nach feud duine gliocas fhòghlum, agus eolas a ghabhail air cumhachd agus glòir an Ti àrd agus naomh a chruthaich iad gu leir. Tha uile oibre a làmh a’ taisbeanadh a bhuaidhean àrda, ann an cainnt a tha soirbh r’a thuigsinn leò-san a tha ’gan toirt fanear gu ceart. Tha na spéuran, gu h-àraidh a’ ghrian, a ghealach, agus lionmhorachd nan rionnag agus nan réull a’ seinn a chliù. Tha na nèamhan, a deir an Salmadair, a’ foillseachadh do ghlòire, tha na speuran a nochdadh gniomh do làmh. Cha’n ’eil e comasach do’n duine ’s aineolaiche, agus is neo-fhoghluimte, beachdachadh air aghaidh na h-iarmailte, ann an oidhche shoilleir gheamhraidh, gun bhi air a dhùsgudh gu smuaintibh, agus gu fheòraich dheth féin, Cò’n làmh a chruthaich na tha mi san àm so a’ léirsinn? Co chroch na lòchrain àrd os mo cheann? Cò tha toirt doibh an uile àilleachd agus dhreach? Cò is fear-iùil doibh, a’ treòrachadh an ceuma àrd? So ceistean a dhùisgeas gu nàdurra ann an cridhe gach aoin aig am bheil tùr no toinisg nàduir, as eugmhais sgoilearachd no foghluim. Ach mar is eòlaiche tha daoine air reultaibh nan speur, agus air gach ni a fhuaradh a mach mu’n timchioll anns an linn ionnsuichte so, ’s ann, gun teagamh, is dùgh dhoibh am barrachd mothachaidh a bhi aca air gliocas agus cumhachd an Ti sin a chruthaich gach solus neamhuidh, agus a tha a’ freasdal doibh fa leth. Tha fios cinnteach againn a nis gur gann a tha aon reull san iarmailt uile co beag ris an t-Saoghal so air am bheil ar còmhnuidh. Tha e air a dheanamh a mach gu beachdaidh, gu bheil na mìltean diubh gu mor ni ’s mò. Trid nan gloineachan innleachdach a tha nis aig na speuradairibh, tha nithe ùr agus iongantach air am faotainn a mach o bhliadhna gu bliadhna mu thimchioll nan reull. Tha cumhachd nan gloineachan sin air a mheudachadh o àm gu h-àm, agus mar tha’n cumhachd so a’ meudachadh, tha iongantais ùra air an leigeil ris, air chor ’s gur duilich a ràdh c’àit an stad an t-eòlas a tha daoine ’faotainn, ma theid iad air an aghaidh rè mile bliadhna gu teachd, mar chaidh iad ann an ceithir fichead bliadhna do na chaidh seachad. Ge nach biodh eòlas againn air a bheag do na reultaibh, ach na tha ann an càirdeas ris an t-saoghal so, agus a tha dol mu’n cuairt air an aon ghréin ruinn féin, bheireadh eadhon so dhuinn beachd àrd air mòralachd ugus farsuingeachd rioghachd an Uile-chumhachdaich. Tha cuid do na reultaibh so féin naoi ceud uairean ni ’s mo na ’n saoghal so; agus tha a h-aon diubh, nach ’eil ’nar beachd-ne ach mar rionnaig bhig ruiteich, os ceann ceithir-cheud-deug uair ni’s mò na’n saoghal. Ach tha a ghrian againne, agus gach reull a tha gluasad maille ruinne mu’n cuairt dhi, gun ach astar beag uainn, ann an coimeas ris an astar do-thuigsinn tha eadar sinne agus na reultaibh eile. Tha uidh eadar sinne agus na reulta suidhichte, a tha’n taobh a muigh do chumhachd na gréine againne, a ghabhadh am peileir a’s luaithe a thàinig riamh a mach a beul gunna-mhòir, deich ceud mile bliadhna g’a shiubhal. Tha daoine foghluimte am barail, gur grian dhealrach a tha anns gach aon do na reultaibh suidhichte sin, le’n saoghalaibh fein a’ gluasad mu’n cuairt doibh, a’ tarruing an soluis agus am blàthais uapa. Feudar mu mhile dhiubh so fhaicinn leis an t-sùil luim ann an oidhche shoilleir gheamhraidh; ach le innleachd ghloineachan chithear ceithir fichead mile a bharrachd air na’s urrainn an t-sùil a thogail. Tha ’n speuradair ainmeil sin, Hereschel, ag inns- (Air a leantuinn air taobh 192,). [TD 191] [Vol. 5. No. 25. p. 7] A Margaree. A MHIC-TALLA RUNAICH:—Bho’n a bha mo litir roimh air a meas cho math ’s gu’n d’ fhuair i àite air do thaobh prìseal, smaointich mi gu’n cuirinn beagan fhacal eile ’gad ionnsuidh ma’n toisicheadh misgearachd na Nollaig orm. Tha’n side air an taobh so de’n Eilean, am bitheantas briagha, le gle bheag sneachda, agus droch ròidean. Tha sinn an dòchas nach fhada gus an tig beagan sneachda a ni ròidean matha, feuch am faigh daoine gluasad fho’n tigh. Ged ’s i ’n dachaigh àite a’s fhearr a th’ ann, feumair a aideachadh gu fàs daeine car sgith dhi air uairibh. Tha’n Nollaig a tighinn dlùth oirnn aon uair eile, agus ’s ioma fear agus te ’bha gu slàn, beò o chionn bliadhna, a tha’n diugh a cnamh ’san uir. Tha mi tuigsinn nach eil a faisg urad de chaothach ’s de dh’ ùpraid mu fheiltean na Nollaig an drasda ’sa bhiodh ann anns na bliadhnaichean bho shean. Tha mi ’n duil gu’m bheil sin fhein cho math. Bu truagh an gnothach daoine sean agus òg a bhi na’n laidhe air an daoraich an dìg an rathaid mhoir air féiltean àraid mar tha ’n Nollaig ’s a Bhliadhn’ Ur. Bhitheadh a h-uile fear cho pròiseil le teas an ruma, agus na’n abradh tu drannadh, gheibheadh tu stràc de’n bhata dharaich tarsuinn an ceann. Ach am faca sibhs’ an Lighiche? B’ esan an duine anns an robh a mheud-mhor, an dòigh no dha ma’s fior e fhein cha’n ’eil a leithid eile de lighiche an àite sam bith fo’n ghréin. Cha’n eil fhios agam nach eil e ceart cuideachd. Chi sibh e; cha d’ fhàg e an duthaich fhathasd. ’S fheudar dhomh sgur aig an àm so m’ am bi mo litir tuilleadh us fada. ’S mi do charaid, AONGHAS BEAG. S. W. Margaree, 17, 12, ’96. DAOINE GLICE.—Bha sid ann uair duine aig an robh aona bharailte deug buntata ri chreic, agus bha e ’g iarraidh coig dolair air. Thairg nàbuidh dha 48c. am barailte air, ach sid cha ghabhadh e. “Gheibh mi,” ars’ esan, “coig dolair air, no fanaidh e far am bheil e.” Cha do thuig e idir gu robh a charaid a tairgse barrachd us coig dolair dha. Bha duin’ eil ann, a chuir laogh gu pastar air fearann duin’ eile, agus an uair a bha ’n geamhradh a tighinn chaidh e dh’ fhoighneachd ciod a bh’ aige ri phàigheadh, “Tha seachd dolair agam ort,” ars am fear eile, “ach ma dh’ fhàgas tu ’n laogh agam, cha bhi sian agam ort.” “’S mi nach fhàg,” “ ars esan, “tha sin tuilleadh us beag air a shon; ach innsidh mi dhuit ciod a ni mi. Beathaich thusa an laogh dhomhsa ce’-la-deug eile, agus an sin faodaidh e bhi agad fhéin.” Co bu ghlice, am fear aig an robh am buntata no ’m fear aig an ròbh an laogh? ’S ann aig an Fhraing a tha ’Pharlamaid a’s cosgaile ’san Roinn-Eòrpa. Tha i ’na da earrainn mar a tha Pàrlamaid Bhreatuinn, agus tha i ’cosg muillein gu leth dolair s’a bhliadhna. BREITH CHOTHROMACH.—Bha sgliatair Turcach latha ’g obair air mullach taighe, agus air dha tuiteam sios do’n t-sràid, bhuail e air seann duine beairteach a bha ’dol seachad, agus mharbh e e, ach cha d’ rinneadh dochann sam bith air fhéin. Chuir mac an t-seann duine an sgliatair an greim, agus rinn e gach ni a b’ urrainn da a dheanamh air son binn-bàis a thoirt a mach air. Fhuair am breitheamh an sgliatair bochd neo-chiontach, ach cha deanadh sin an gnothuch leis an fhear eile; dh’ fheumte a chur gu bàs. Thug am breitheamh an sin òrdugh gu’m biodh an sgliatair air a chur ’sa cheart àite ’san deachaidh an seann duine a mharbhadh, “agus theirig thusa,” ars esan ris a mhac, “air mullach an taighe, tuit a nuas air muin an sgliatair, agus marbh e ma’s urrainn duit.” Tha iad ag radh gu bheil mi ’fàs sean, a chionn gu bheil m’ fhalt liath, ’s gu bheil preasan ’n am aodann, agus nach eil mo cheum cho uallach no cho aotron ’sa bha. Ach tha iad am mearachd. Cha’n iad sin mise idir. Tha na glùinean lag, ach cha’n iad na glùinean mise. Tha m’ aodann preasach, ach cha’n e m’ aodann mise. Cha ’n eil an so ach an tigh anns am bheil mi fuireach. Ach tha mise na’s òige—na’s òige na bha mi riamh roimhe—Guthrie. Tha duine bha ’dol dh’an sgoil ann am Minot, baile beag ann an Stàit Mhaine, o chionn leth-cheud bliadhna ’sa tri air ais, ag innse rud a tha gle iongantach. Tha am maighstir-sgoile a bha ann an uair sin agus a h-uile h-aon de na sgoilearan beò fhathast. Ré na h-ùine sin cha d’ thug am bàs leis duine dhiubh. Re nan deich bliadhna fichead mu dheireadh chaidh 66,377 soitheich a bhristeadh timchioll air na h-Eileanan Breatunnach, agus chailleadh 22,312 duine leotha. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. [TD 192] [Vol. 5. No. 25. p. 8] (Air a leantuinn o thaobh 190.) eadh dhuinn, ann an àite air an do shocraich e a ghloine, gu’n robh sèa ceud reul aige san amharc còmhla, agus gu’n atharrachadh as an àine sin, gu’n deachaidh, ann an cairteal na h-uaire, coig ceud mile reull seachad air. Agus an déigh so uile, is làn-chinnteach sinn nach ’eil an àireamh a’s mò air am feud innleachd dhaoine ruigheachd, ann an coimeas ris na tha fad’ as an t-sealladh, ach mar bhraon drùchd air bharr cuiseige, ann an coimeas ris gach braon uisge ann an cuantaibh mìle saoghal. Tha farsuingeachd gun chrioch, gun tomhas ann an oibribh Dhé, nach h-urrainn do inntinn chruthaichte a thuigsinn; agus tha’n fharsuingeachd so, agus gach saoghal a tha air ’fheadh, agus gach ni anns gach saoghal fa leth, làn do mhaitheas an aoin Dé a chruthaich agus a dhealbh iad air fad, agus an ann-dànachd dhuinn a ràdh gu bheil na n-uidheachan mora sin air an àiteachadh le sluagh, mar tha’n saoghal so? gu bheil carthannachd, dàimh, agus coimhearsnachd air an tuigsinn ’s na h-ionadaibh sin; gu bheil moladh air a thogail suas do Dhia; gu bheil a theampuill agus ’iobairtean aige, anns am bheil saoibhreas a bhuaidhean àrda air an sàr thuigsinn le luchd-aoraidh diadhaidh agus geur-chuiseach. Tha thusa, O Dhé! a’ lionadh siorruidheachd. Is mòr thusa, a thighearna, agus is mòr do chumhachd; co is urrainn t’àrd cheuma a lorgachadh? Cha d’ fhuair sinne cainnt no coimeas chum meud oibre Dhé a chur an céill. Ann an smuaineachadh air a so, ’si cainnt an Sgriobtuir a fhreagras duinn. Is leatsa, O Thighearn! an cumhachd, a’ ghlòir, agus a mhòralachd; oir is leatsa gach ni air nèamh agus air talamh. Cò dh’fheudar a choimeas riut, O Thighearna? cha’n ’eil oibre ann cosmhuil ri t’oibribh-sa.—Leabhar nan Cnoc. A Chailleach. LE AILEIN DALL. Oran mar gun deanadh duine òg e, agus e posda ri caillich. LUINNEAG. O hi, o ha, gur cruaidh a chailleach, O hi, o ha, gur fuar a chailleach, Ho re, ho ra, ’s i ’ghrain a chailleach ’Dh ’fhag mise ’nam amadan gorach. Ma theid mi gu feill, gu feisd, no banis, Bi’dh ise làn eud ’s i fein aig baile, S ma bheir mi le sùgradh suil air caileig Gur diumb is falachd sud dhomhsa. Ma ni mi s taigh-òsda stop a cheannach, No suidhe aig bord ’s gun òl mi drama, Theid faileadh ’na sroin ’s an dorn an tarruinn, ’S bi’dh muinntir a bhaile ri mod oirnn. Mur ceannaich mi tì cha n-fhiach mi m’ fharrid, A leigheas a cinn ’s i tinn a gearan, Cha dean i rium sith, ach strith is carraid, ’S ri canran teallich an comhnuidh. O, bhidhinn gu h-eibhinn, eutrom, aighearach, Aigeannach, gleust’ a leum ’san Earrachd, Nan deanadh an t-Eug bho cheil air sgaradh, ’S gan carinn am falach fo ’n fhoid i. Chan airgiod, chan òr, cha stor, ’s cha thrusgan, ’Chuir mis’ air a toir ri moran cuirteis, Ach dalladh fo sgleo le eolas buidseachd; ’S ann agams’ ’tha ’n t-uirsgeul air Seonaid. Gun d’ innis mo mhath’r dhomh ’chail ’n robh ise, Gun d’ thainig a la mu ’n d’ ar’cheadh mise, ’S ann orm a tha ’n nair’ gan àireamh ’n nise, Tha deich bliadhna fichead is corr ann. ’Nuair ’thig mi bho ’n chrann am àm an earrich, Le fuachd air mo chad ’s mi ’n geall mo gharradh, Cha ’n fhaod mi no taing dol teann air ’n teallach, Mu ’m buail i gu h-ealamh le broig mi. Cha dean i dhomh feum ’s cha ghreidh i aran, Cha ’n araich i feudail, spreidh, no leanabh; A laighe ’s ag éiridh ’g eigheach ’s a gearan, ’S gun reicinn gu deimhinn air grot i. Tha cuaimhean cho cruaidh ri cuaille darich, A craiceann ’s a tuar cho fuar ri gaillinn, Cha dean baraile gual aon uair a garadh, Gun dusan sac gearrain de mhoine. Gun fhiacail na ceann ’s car cam na peirceall, ’Nuair ’thogadh i greann an am an fheasgair Gu ’n teicheadh gach clann, gach crann, ’s gach seisreach, Aig meud an eagail roimh ’groigeis. Ged bhiodh agam deante ceud punnd Sas’nach, Cha dioladh an riadh re bliadhn’ tombac’ dh’ i, Bha caitheamh gun riaghailt riamh ’cur as domh Bho ’n chiad la ’thachair sinn comhla. Anna Dhonn agam Fein. LE CALUM DUBH MAC-AN-T-SAOIR. Anna dhonn agam fein Tha mi trom as do dheidh; Bi’dh mo shuil anns gach àit’ ’Dh ’fheuch co dha ’bheir thu speìs. Ma ’s e figheadair do run, ’S gur h-ann ris ’tha do dhùil, Feuch nach pòs thu fear breun ’Chumas deur air do shuil. Cha ’n eil càs idir ann, Ged bhiodh cach orm gann; Gheibh sinn fearann ri ar beo, Bho Dhuic Gordan air gleann. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air ’adhart 35c., no tri airson dolair. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. STOR UR TAILLEARACHD ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA An Nasguidh Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus FAIGH FEAR DHIUBH THA AM BATHAR CHO SAOR ’SA GHABHAS Bathar Math Faighinn. D. J. DOMHNULLACH. [TD 193] [Vol. 5. No. 26. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE IANUARAIDH 2, 1897. No. 26. Ioghnaidhean an t-Saoghail. BEANNTAN-TEINE. (Air a leantuinn.) Gu faisg air deireadh na h-ochdamh linn deug, bha gach eòlas a bh’ aig daoine air beanntan-teine, agus air an obrachadh fo’n talamh, air am faotainn bho na bha iad a faicinn air da bheinn an ceann a deas na h-Eadailte—Bhesubhius agus Etna. Bha beinn Bhesubhius, a bha brùchdadh gu math tric, a reir aithris nan seann sgriobhaichean, ’na beinn àrd bhiorach agus àite còmhnard air a mullach anns an robh gleann cruinn làn feòir us fionain. Timchioll air a ghleann so bha creagan casa, agus na b’ fhaide sios bha taobhan na beinne air an còmhdach le coilltean eireachdail. Bha bailtean soirbheachail aig a bonn, agus ged a theabadh fear dhiubh a sgrios le crith-thalmhainn cha robh daoine ’tuigsinn ach gle bheag mu’n t-slochd mhealltach a bha ’na mullach. Ach gu h-obann, anns a bhliadhna 79 A. D., bhruchd meall uamhasach de cheò ’s de smùid ’s de theine á mullach na beinne. Bha ’n darra taobh dhe’n ghleann air a sheideadh a mach, agus bha na creagan, agus meallan mora de luathainn ’s de chlachan teithe air an tilgeadh do ’n athar. Sgaoil iad an sin a mach na’n nial mor, agus thuit iad fad us farsuinn. Fad ochd latha ’s ochd oidhche chaidh sin air adhart. Bha baile a bha sia mile air falbh air a sgrios le tuiteam nan clach, agus bha dha eile—Herculaneum agus Pompeii—a lion beagan us beagan air an lionadh leis an tuil a bha sruthadh leis a bheinn, agus fa-dheòigh air an còmhdach thairis gu h-iomlan. Anns a bhliadhna 1711, bha tuathanach a cladhach tobair, agus fhuair e mirean de mharmor briagha; thug sin air daoine tòiseachadh air cladhach, agus fhuaireadh seana bhaile Herculaneum anns a’ cheart suidheachadh anns an robh e ’nuair a chaidh a thiodhlacadh le cur a mach na beinne. Fhuaireadh làrach Phompeii mu mheadhon na h-ochdamh linn deug. Tha Etna, beinn-theine mhor Shicili, tri fichead mile ’sa tri mu’n cuairt, agus gle fhaisg air aona mile deug troigh a dh’ àirde. Tha muinntir Shicili fhéin ’ga roinn ’na tri earannan, an t-iochdar, am meadhon, agus am bràighe. Tha an t-iochdar làn de dh’ fhion-liosan agus de dh’ achaidhean arbhair, agus an sid ’s an so tha bailtean beaga agus mora; tha am meadhon còmhdaichte le frithean anns am bheil craobhan daraich, geanm-chno, giuthais, agus seòrsachan eile; tha a bràighe ’na fhàsach fiadhaich, neo-thorach, agus tha a fior mhullach a ghnath còmhdaichte le sneachda ach a mhàin an sid ’s an so far am bheil an sneachda air a chòmhdach thairis le luathainn. An do leugh sibh riamh ma Empedocles? Bha an duine so ’na fheallsanach, ’na bhàrd, agus ’na fhear-eachdraidh. Bha e còmhnuidh an Agrigentum an Sicili mo choig ceud bliadhna mu’n d’ rugadh Criosd. Tha e air a radh, leis an toil a bh’ aige beul teinnteach Etna fhaicinn gn’n deach e tuilleadh us faisg air agus gu’n do chaill e a bheatha anns na lasraichean. Tha cuid de na seann sgriobhaichean a fàgail air gu robh e air son daoine bhi deanamh aoraidh dha mar dhia, agus a chum ’s nach cluinneadh neach sam bith mu ’bhàs gu’u do dhirich e a bheinn ’s gu’n do thilg e e-fhein ’san t-slochd. Ach thilg a bheinn a mach te dhe ’brogan, agus mar sin dhearbhadh d’an t-saoghal nach robh ann an Empedocles ach duine. Tha eilean anns a Mhuir Mheadhonach, direach a mach bho chladach Shicili, ris an canar Volcano, “a’ bheinn-theine.” ’S e ’m fear a’s fhaide deas de Eileanan Lipari, agus cha’n eil ann dheth ach aon bheinn-theine mu mhile mu ’n cuairt, agus mu cheithir cheud slat a dhoimhneachd. Tha mar an ceudna Strombali, am fear as fhaide tuath de na h-eileanan so, comharraichte air son cho tric ’sa bhios teine brùchdadh troimhe. Dhe’n aon nàdar ris na beanntan-teine tha tobraichean de dh’ uisge teth a tha gu tric a bristeadh a mach, mar a tha ’n Geyser mor no an “spùtan” ann an Iceland. Ann an America Mheadhonach agus anns na h-Eileanan Phillipeach, tha ainm air leth aig na nàisinnich do ’n da sheòrsa, “beanntan-teinteach,” agus “beanntan-uisgeach,” na beanntan-uisgeach a’ ciallachadh nam beann as am bi uisge teth air a spùtadh a mach, air a leantuinn le crithean-talmhain mora. Tha clar-chomhnard Christo an ceann a deas America a tha cuartaichte le beanntan àrda, air ainmeachad le Humboldt mar raon a tha uile gu leir teinnteach. Tha an teine a’ siubhal fo’n talamh bho thuath gu deas, uair a bristeadh a mach air aon bheul agus uair air beul eile. Tha Cotopacsi beul ri bhi naodh mile deug troigh os cionn na fairge. Cha’n eil anns a chuid is motha de dh’ eileanan a Chuain Chiuin ach seann bheanntan-teine, no tha iad air an deanamh air creagan a bha air tùs air an tilgeadh a mach á beanntan-teine. Tha iad ag eiridh ’nam biorraidean mora á doimhneachdan a chuain, agus tha am barran, a tha direach a ruigheachd bàrr an uisge, mar a’s trice air an cuartachadh le coireal, agus a thaobh sin theirear eileanan coireil riutha. Air uairibh tha na h-eileanan so ag eiridh àirde mhath os cionn na mara, agus air uairibh theid iad fodha gu buileach. Tha so uile ’g innse gu bheil cumhachd mor eigin ag obrachadh fo ghrunnd na fairge am meadhon na talmhainn, agus gu bheil an cumhachd sin de’n aon ghnè ri boil ’nam beanntan teine. Anns gach dùthaich mar a’s fhaide theid sinn sios dh’ an talamh ’sann a’s motha ’n teas. Mar a’s doimhne ’mhèinn ’s ann a’s teotha ’n t-àile. Tha na beanntan-teine a’ comharrachadh cuid de na fosglaidhean troimh ’m bheil stuthan leaghte agus teithe air an tilgeadh á broinn na ta mh[?] Tha eilean Hawaii, am fear a’s motha de Eileanan Sandwich, comharraichte mar àite anns am bheil teinntean daonnan ag obrachadh fo’n talamh. Tha aon bheinn ann d’ an ainm Kilauck, a bhios a bristeadh a mach gle thric le neart mor. ’Nuair a bha seann bhaile Phompeii air fhosgladh ri solus an latha aon uair eile, bha gniomharan mu dheireadh an t-sluaigh gu tric air an toirt am follais. Aig aon tigh, leig an spaid ris cnamhan duine faisg air a gheata, agus iuchair ’na laimh, agus ri thaobh taosg airgid a bha e a reir gach coltais a’ giulan leis. ’Na shineadh ri thaobh bha cnamhan fir eile aig an robh àireamh de shoithichean airgeid. Tha e coltach gu’n d’ thug iadsan a bha làidir ionnsuidh air teicheadh, agus gu’n do dh’ fhalaich iadsan a bha lag iad fein anns na selleirean fo na taighean. Ann an aon seileir fhuaireadh fichead craimhneach air an tiodhlacadh ann an luath mhin, agus uile gu leir bha cnàmhan còrr us seachd ceud air am faotainn. Nach b’ uamhasach an t-àm sid, ’nuair a thòisich an luath ri tuiteam, ’sa bha na clachan a bristeadh troimh mhullach nan taighean, agus a bha ’n sruth de labha leaghte tighinn na b’ fhaisge ’s na b’ fhaisge, agus na daoine truagha gu diomhain a’ feuchainn ri teicheadh o bhàs oillteil? Nach eil e iongantach r’a smaoineachadh air, gu faod sinn a nise coiseachd troimh shràidean Phompeii, agus gu faic sinn na claisean a rinneadh annta le cuidhlean nan carbad o chionn còrr us ochd ceud deug bliadhna? [TD 194] [Vol. 5. No. 26. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. I.—AN DAMH AGUS AN T-AISEAL. O chionn fada ’n t-saoghail bha marsanta anabarrach beairteach ann, aig an robh staidean agus taighean-comhnuidh ann an caochladh aiteachan de ’n duthaich. Agus bha moran spreidhe de gach seorsa aige. Bliadhna de na bliadhnachan chaidh e fhein ’s a bhean ’s a theaghlach a ghabhail comhnuidh air te de na staidean, a chum gu faiceadh e cia mar a bha gach obair a bha e ’deanamh air an staid a’ dol air aghart. Bha e ’na dhuine anabarrach fiosrach, foghluimte, agus bha e comasach air cainnt gach ainmhidh fo ’n ghrein a thuigsinn; ach nan innseadh e gu robh an t-eolas so aige, cha bhiodh an tuilleadh saoghail aige. Agus thug so air nach d’ innis e do dhuine riamh aon lideadh de na chuala e na h-ainmhidhean ag radh. Bha damh agus aiseal aige ann an cuil, an t-aon taobh ri taobh, anns an stabull; agus air latha araidh ’s e na sheasamh aig dorus an stabuill, chuala e an damh agus an aiseal a’ bruidhinn ri ’cheile mar so:—“Is ann agad fhein,” ars’ an damh ris an aiseal, “a tha saoghail an aigh dheth. Bu tu an ceann fortanach ’gad bhreith. Smaoinich fhein air a’ cheartas a th’ agad, agus air cho beag ’s a tha thu ’deanamh a dh’ obair! Tha thu air do nigheadh ’s air do chireadh gu math ’s gu ro mhath a h-uile latha; tha thu air do dheadh bheathachadh le siol air a dheadh ghlanadh, agus gheibh thu do dheoch de ’n uisge ghlan, fhionnar, mar a thig e as an tobar. Cha ’n ’eil car agad ri dheanamh a’s truime na do mhaidhstir a ghiulan an uair a theid e air cheann turuis sam bith; agus mur b’ e sin, cha bhiodh car no cuirean agad ri dheanamh latha deug ’s a’ bhliadhna. Cha ’n ionnan ’s mar tha mise, cha ’n ’eil agam ach fior dhroch ceartas ann am biadh ’s an obair. Mu ’n gann a shoilleiricheas an latha tha mi air mo chur a tharruinn a’ chroinn-treabhaidh, agus bidh dubh-bheul na h-oidhche ann mu ’n leigear as mi. Bidh mi cho sgith a h-uile beul oidhche ’s gur gann a theid agam air coiseachd dhachaidh. A bharrachd air sin, cha teid fois air an treabhaiche ach a’ gabhail orm le bata cruaidh, cnuachdach, anns am bheil togail do laimhe. An aite braighde is siolachan is sintean a chur orm gus an crann a tharruinn mar bu choir dhaibh a dheanamh, is ann a tha crann air a cheangal ris an earball agam, agus, mar a dh’ fhaodas tu fhein fhaicinn, cha ’n ’eil leobadh craicinn air m’ earball. Agus an uair a bheirear dhachaidh mi anamoch ’s an oidhche, cha ’n fhaigh mi ri itheadh ach droch fhodar, agus beagan de phonair chruaidh, thioram gun ghlanadh. Ma ’s e sin fhein e, cha ghabh iad an dragh mo leabadh a ghlanadh ach gle ainneamh. Feumaidh mi laidhe anns a’ chuil fhluich, shalaich so fad na h-oidhche.” Cha dubhairt an t-aiseal guth fhad ’s a bha an damh a’ deanamh a ghearain ris. Mu dheireadh thuirt e ris:—“Tha iadsan a their, gur e creutair amaideach a th’ annad ag innseadh na firinn. Tha thu tuilleadh is faoin an uair a tha thu ’leigeadh leotha bhith ’gabhail brath ort mar a tha iad, gun bhith cur gu laidir ’nan aghaidh. Aig a’ cheart am, ciod e am math dhut a bhith leigeadh do leith-mharbhadh mar a tha thu ’deanamh. Tha thu ’g ad mharbhadh fhein a chum socair is toil-inntinn is buannachd a thoirt do mhuinntir nach toir taing no duais dhut air a shon. Ach nam biodh do mhisneach cho mor ri d’ neart, cha deanadh iad ort mar a tha iad a’ deanamh. An uair a theannas iad ri d’ cheangal anns a’ chuil, c’ar son nach ’eil thu ’cur ’nan aghaidh? C’ar son nach ’eil thu ’g am bualadh le d’ adhaircean, agus a’ nochdadh dhaibh gu bheil fearg ort, le bhith ’sgriobadh air an talamh le do chasan-cinn? A dh’ aon fhacal c’ar son nach ’eil thu ’cur nan cridheachan aca air chrith le buirean? Tha thu comasach gu leor air d’ aite fhein a sheasamh, nan togradh tu fhein, ach cha dean thu sin. An uair a bheir iad dhut droch fhodar, agus deannan de dhroch phonair, cuir do shron orra, agus na blais iad. Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, chi thu an ùine gun bhith fada, gu ’m bi thu moran ni ’s fhearr dheth na tha thu, agus gu ’m bi h-uile aobhar agad air a bhith fada ’nam chomain-sa.” Chord comhairle an aiseil anabarrach math ris an damh, agus dh’ aidich e, gu robh e fada ’na chomain air a son. “Mo Shunndachan gaoil,” ars’ esan, “ni mise gach ni a dh’ iarr thu orm a dheanamh, agus chi thu gu ’n teid mi ann an ceann mo ghnothaich gle sgoinneil.” Cha robh an tuilleadh comhraidh eatorra aig an àm. Chual’ am marsanta a h-uile guth a thubhairt iad, ach cha do leig e dad air. An la’r-na-mhaireach, gu math moch, thainig an treabhaiche a thoirt leis an daimh a threabhadh mar a b’ abhaist da. Cheangail e ’earball ris a’ chrann, agus dh’ fhalbh e leis. Bha cuimhne aig an damh air a’ chomhairle a thug an t-aiseal air, agus bha e fad an latha anabarrach doirbh ri cheannsachadh. Anamoch feasgair, an uair a thug an treabhaiche dhachaidh e ’s a thoisich e ri ’cheangal anns a chuil, an aite a cheann a chumail gu socrach fhad ’s a bhithteadh ’g a cheangal, mar a b’ abhaist da dheanamh, is ann a bha e ’leum a null ’s a nall, agus a’ falbh an comhair a chuil ’s a’ buirean. An sin thug e ionnsuidh air an treabhaiche a tholladh le ’adhaircean. A dh’ aon fhacal, rinn e a h-uile dad a chomhairlich an aiseal dha a dheanamh. An ath latha, thainig an treabhaiche, mar a b’ abhaist, gus an damh a chur a dh’ obair; ach bha ’n damh na laidhe ’s a chuil ’s a chasan sinnte ’s e romhanaich mar gu ’m biodh e air thuar a bhith grad mharbh. Sheall e anns a phrasaich, agus chunnaic e nach do chuir an damh beul air a’ chonnlaich no air a’ phonair a thug e dha an oidhche roimhe sin. Ghabh e truas ris, air dha saoiltinn gu robh e tinn, agus gun dail sam bith chaidh e far an robh am marsanta ’s dh’ innis e dha mar a bha. Thuig am marsanta gle mhath gu ’n do ghabh an damh an droch chomhairle a thug an aiseal air, agus thuirt e ris an treabhaiche an t-aiseal a chur a threabhadh, agus e bhith cinnteach, gu ’n oibricheadh e gu math e gu rann dubh-bheul na h-oidhche. Rinn an treabhaiche mar a dh’ iarradh air. B’ fheudar do ’n aiseal a bhith treabhadh gu trang fad an latha; agus o nach robh cleachdadh aige air obair thruim, bha e anabarrach sgith am beul na h-oidhche. A bharrachd air sin, agus fhuair e de dhochann o ’n treabhaiche rud a thug air gu robh e an impis tuiteam as a sheasamh an uair a thill e dhachaidh. Aig a’ cheart àm bha ’n damh cho toilichte ’s a b’ urrainn a bhith. Dh’ ith e a h-uile greim a bh’ anns a’ chuil, agus leig e ’anail fad an latha. Bha e toilichte a chionn gu ’n do ghabh e comhairle an aiseil. Thug e mìle beannachd dha air son na deadh chomhairle, an uair a thainig e dhachaidh o ’n treabhadh. Cha dubhairt an aiseal aon fhacal ris, oir bha e air a thamailteachadh air son an droch dhiol a rinneadh air. Ach thuirt e ris fhein, “Is ann le mo ghoraiche fhein a thug mi am mi-fhortan so orm fhein. Bha beatha gle shocrach agam. Bha mi cho sona ’sa bha ’n latha cho fad. Cha robh ni sam bith a dhith orm. Is e mo choire fhein go bheil mi an diugh anns an t-suidheachadh thruagh anns am bheil mi. Agus mur urrainn mi doigh fhaotainn air tighinn as na croisean anns an deachaidh mi cha ’n fhada bhios mi beo.” An uair a thubhairt e so, bha a neart air failneichadh cho mor ’s gu ’n do thuit e far an robh e, mar gu ’m biodh e leith mharbh. Bha fhios aig a’ mharsanta gu robh an aiseal ann an droch staid, agus bha toil aige an comhradh a chluinntinn. Air an aobhar sin, an deis dha ’shuipear a ghabhail, chaidh e mach ri solus na gealaich, agus shuidh e far an cluinneadh e iad, agus shuidh a bhean comhladh ris. Cha robh e fada ’na shuidhe an uair a chuala e an aiseal ag radh ris an damh, “A chompanaich, innis dhomh, guidheam ort ciod a tha run ort a dheanamh am maireach an uair a thig an treabhaiche le biadh ugad?” “Ciod a tha run orm a dheanamh!” ars’ an damh. “Leanaidh mi air a bhith deanamh mar a dh’ iarr thu fhein orm a dheanamh. Bheir mi ionnsuidh air a tholladh le m’ adhaircean, mar a rinn mi an de. Leigidh mi orm gu bheil mi tinn, agus dluth air a’ bhàs.” “Cha b’ e mo chomhairle dhut,” ars’ an aiseal. “Ma ni thu sin, cuiridh tu lion do mhillidh mu d’ chasan fhein. An uair a bha mi air tighinn thun an taighe ’s an fheasgar, chuala mi am marsanta ag radh rud eiginn mu do thimchioll a chuir uamhas orm.” “Mo chreach! ciod a chuala tu?” ars’ an [TD 195] [Vol. 5. No. 26. p. 3] damh. “A Shunndachain mo ghaoil, na ceil orm aon fhacal de na chuala tu.” “So mar a chuala mise ar maighstir ag radh ris an treabhaiche:—O nach ’eil an damh ag itheadh a bhidh, no comasach air obair a dheanamh, marbhaidh sinn am maireach e, agus bheir sinn an fheoil aige mar dheirc do na bochdan. Bidh an t-seice feumail dhuinn fhein, an uair a chairtear i. Na dichuimhnich thusa fios a chur air an fheoladair gu math moch am maireach. Sin agad na chuala mise,” ars’ an aiseal. “Tha ’n curam a th’ agam mu do bheatha, agus an cairdeas a th’ agam riut, a’ toirt orm so innseadh dhut, agus comhairle ur a thoirt ort. Cho luath ’s a bheirear a’ chonnlach agus a’ phonair a d’ ionnsuidh, grad eirich, agus toisich ri itheadh cho sunndach ’s a rinn thu riamh ’n ad’ bheatha. Saoilidh ar maighstir gu bheil thu air a dhol am feobhas, agus gun teagamh sam bith, cha mharbhar idir thu. Ach mur dean thu mar a tha mise a’ comhairleachadh dhut, theid do mharbhadh gun teagamh sam bith.” Chreid an damh a h-uile facal a thuirt an aiseal ris. Chaidh e air chrith leis an eagal, agus thoisich e ri buirean aird a chlaiginn. An uair a chual’ am marsanta an comhradh a bha eadar an damh ’s an aiseal rinn e lasgan mor gaire. Ghabh a bhean ioghnadh mor an uair a chuala i ’gaireachdaich e, agus gun aobhar gaire aige, cho fad ’s a b’ fhiosrach i. “Innis dhomh,” ars’ ise, “ciod a thug ort a bhith ’gaireachdaich air an doigh ud?” “Coma leat, a bhean,” ars’ esan, “ciod a thug orm a bhith gaireachdaich.” “Cha choma leam idir,” fhreagair i, “feumaidh mi air a h-uile cor fios an aobhair fhaotainn.” “Cha ’n urrainn dhomhsa ni sam bith innseadh dhut, ach gu ’n d’ rinn mi gaire an uair a chuala mi na briathran a thuirt an aiseal ris an damh. Cha ’n fhaod mi ciod a thubhairt iad ri cheile innseadh do dhuine beo.” “C’ar son nach innis thu dhomhsa e,” ars’ ise. “Ma dh’ innseas mi dhut e, cha bhi an tuilleadh saoghail agam,” ars’ esan. “Cha ’n ’eil thu ach a’ fanaid orm,” ars’ a’ bhean; “cha ’n urrainn gu bheil thu ag innseadh na firinn domh. Mur grad innis thu dhomhsa cion a thug ort gaire a dheanamh, agus ciod a thuirt an damh agus an t-aiseal ri cheile, tha mi ’mionnachadh air neamh nach laidh mi ’s an aon leabaidh riut ri do bheo.” An uair a thuirt i so, thug i an taigh oirre. Bha i gu stracadh le feirg. Shuidh i an oisinn an t-seomair, agus lean i air caoineadh fad na h-oidhche. Bha am marsanta ’n a laidhe ’s an leabaidh na onar fad na h-oidhche. An uair a chunnaic e ’s a’ mhaduinn gu robh i anns a’ cheart staid ’s an robh i fad na h-oidhche, thuirt e rithe gur i ’bha gorach ’g a cur fhein ’na leithid de staid air son ni nach mor a b’ fhiach; agus ged nach deanadh e math sam bith dhise fios fhaotainn air an diomhaireachd, gu ’n deanadh e cron mor dhasan na ’n innseadh e i. “Air an aobhar sin,” ars’ esan, “tha mi ‘guidhe ort gun smaoineachadh tuilleadh air.” “Bidh mi ’smaoineachadh cho mor air ’s nach sguir mi chaoineadh gu brath gus an innis thu dhomh e,” ars’ ise. “Ach tha mise ’g innseadh dhuit gu saor, soilleir,” ars’ esan, “gu ’n caill mise mo bheatha ma bheir mi geill do d’ ghoraiche-sa.” “Biodh sin fior no na bitheadh,” ars’ ise, “tha mise ag radh riut gu feum thu innseadh dhomh.” “Tha mi ’faicinn,” ars’ am marsanta, “gu bheil e neo-chomasach tur a chur annad; agus o ’n a tha mi ’faicinn roimh laimh gu ’n toir do raigeann fhein am bas dhut, iarraidh mi air a’ chloinn tighinn a steach g’ ad fhaicinn mu ’m faigh thu am bàs.” Uime sin dh’ iarr e air a’ chloinn tighinn a steach far an robh i, agus chuir e mar an ceudna fios air a h-athair ’s air a mathair ’s air na cairdean eile. An uair a thainig iad agus a chual’ iad an t-aobhar air son an do chuireadh fios orra, rinn iad na b’ urrainn daibh a chum a dhearbhadh oirre, gu robh i fada cearr; ach bha ise cho fada ’na barail fhein ’s a bha i riamh. Thuirt i riutha, gu ’m b’ fhearr leatha am bàs fhaotainn na gu striochdadh i do dh’ fhear a taighe. Labhair a h-athair ’s a mathair rithe, agus gun anns an t-seomar ach iad fhein ’n an triuir, agus thuirt iad rithe, nach deanadh am fiosrachadh a bha i ag iarraidh feum sam bith dhi. Ach cha gheileadh i dhaibh air chor sam bith. An uair a chunnaic a’ chlann nach b’ urrainnear a toirt as a beachd, thoisich iad ri càoineadh gu goirt. Bha am marsanta fhein mar gu ’m biodh duine a bhiodh glan as a chiall, agus cha mhor nach robh e deas gus a bheatha fhein a chur an cunnart a chum a beatha-se a shabhaladh. A nis, bha leith-cheud cearc, agus coileach, aig a’ mharsanta; agus mar an ceudna, cu a bha toirt fanear gach ni a bha ’tachairt. Agus an uair a bha am marsanta ’na shuidhe am muigh, agus e ’smaointean ciod a b’ fhearr dha a dheanamh, thug e an aire gu robh an coileach a’ cleasachd ris na cearcean, mar is minic a bha e. Ruith an cu far an robh an coileach, agus thuirt e ris:—“A choilich, tha mi cinnteach gu ’n d’ thig breitheanas ort gun dail air son do chuid aotromais. Bu choir naire a bhith ort air son na h-obrach a th’ agad an diugh.” Sheas an coileach air a chorra-biod, agus chuir e an colg sin air ’s fhreagair e, “C’ar son nach fhaod mise a bhith a’ cheart cho mear ’s a b’ abhaist domh?” “Mur ’eil fhios agad c’ar son, innsidh mise dhut e,” ars’ an cu. “Tha ar maighstir an diugh ann an trioblaid-inntinn ro mhor. Tha ’bhean a’ cur roimpe gu ’n toir i air d’a aindeoin, gu ’n innis e dhi diomhaireachd shonraichte. Ma dh’ innseas e an diomhaireachd so dh’ise, no do neach sam bith eile, cha bhi tuilleadh saoghail aige. Tha nithean air tighinn gu leithid a dh’ airde ’s gu bheil aobhar eagail gu ’m buadhaich i air. Tha gradh aige dhi, agus tha e ’cur dragh anabarrach air a bhith ’g a faicinn a sior chaoineadh; agus is docha gu ’n caill e a bheatha air a tailleamh. Tha sinn uile air ar clisgeadh mu ’n chuis; agus tha e cur dragh mor oirnn a bhith ’gad fhaicinn-sa cho mear ’s cho sunndach am measg nan cearc, ’s a tha thu.” Fhreagair an coileach, agus thuirt e, “Am bheil thu ag radh rium gu bheil ar maighstir cho beag tuir ’s gu ’m biodh e mar sin? Cha ’n ’eil aige ach an aon bhean, agus cha ’n urrainn da a cumail fo smachd! Ged a tha leith cheud bean agamsa, bheir mi orra gu ’n gabh iad mo chomhairle. Deanadh e a ghnothach mar dhuine reusanta, agus theid mi an urras nach bi e fada ’g a cur fo smachd.” “Cia mar?” ars’ an cu. “Ciod e is coir dha dheanamh?” “Innsidh mi sin dhut,” ars’ an coileach. “Glasadh e an dorus, agus gabhadh e dhi gu math ’s gu ro mhath le deadh bhata; agus theid mise an urras gu ’n toir sin gu rathad i. Agus rud eile dheth, sguiridh i ’bhith ’faighneachd dheth mu nithean ris nach ’eil gnothuch sam bith aice.” Cha bu luaithe a chual’ am marsanta na briathran a labhair an coileach na ghrad ghabh e steach far an robh a bhean a’ tuiream ’s a’ caoineadh anns an t-seomar, agus bata math, cnuachdach aige ’na dhorn. Dhuin e an dorus; chuir e car ’s an iuchair, agus ghabh e dhi leis a’ bhata, gus mu dheireadh an dubhairt i, “An ainm an aigh leig leam, leig leam. Cha tig an latha ’s cha chian an trath a chuireas mise ceisd ort mu ni sam bith nach buin domh.” An uair a chunnaic e gu ’n do ghabh i aithreachas a chionn a bhith cho rag ’s cho mi-mhodhail ’s a bha i, sguir e ’ghabhail oirre leis a bhata. An uair a dh’ fhosgail e an dorus, chaidh na cairdean gu léir a steach do ’n t-seomar far an robh i, agus an uair a chunnaic iad gu robh i air tighinn gu sith agus gu reusan, bha iad anabarrach toilichte. Thug iad mile taing do ’n mharsanta a chionn e bhith cho smaoineachail ’s cho tapaidh ’s gu ’n do cheannsaich e i. Tha nithean Gàidhealach a sior fhàs fasanta. Tha fear-deanamh phioban ann an Dun-Eideann an deigh òrdugh fhaotainn bho cheannard buidhne anns an arm Fhrangach ag iarraidh àireamh phioban a dheanamh dha. Ma shoirbhicheas le chuid dhaoine ann an cluich na h-inneil, cuiridh e dh’ iarraidh tuilleadh dhiubh. Chuala ’n duine so na piobairean Gàidhealach a’ cluich na pioba agus ghabh e leithid de mheas air a cheòl ’s nach fhoghnadh leis ach a cur air ghleus ’na dhùthaich fhéin. [TD 196] [Vol. 5. No. 26. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI. IANUARAIDH 2, 1897. Bliadhna Mhath Ur. Tha sinn a nise air tòiseachadh air bliadhn’ eile. Shiubhail an t-seann bhliadhna gu tir na diochuimhn’ agus cha’n fhaicear tuilleadh i. Ghiulain i leatha iomadh neach a bha slàn, fallain, ’nuair a thàinig i steach, agus chàraich i iad fo fhòd a ghlinne, far am bheil iad ’nan laidhe ann an cadal trom a’ bhàis. Ghiùlain i air falbh mar an ceudna iomadh dòchas a bha daoine ’g altrum, agus thainig ionadh ni gu crich ris nach robh dùil da mhios dheug roimhe so. Cha’n eil mi ’dol a dh’ fheuchainn ri iomradh a thoirt air na nithean bu chudthromaiche a thachair air feadh an t-saoghail ré na bliadhna; faodaidh gach neach amharc air ais agus fhaicinn dha fhéin; ach bu chòir dhuinn uile cur romhainn a bhuil a’s fhearr is urrainn duinn a dheanamh de’n bhliadhn’ ùir. Dh’ fhalbh an t-seana bhliadhna, agus cha’n eil an còrr againn ri dheanamh rithe; ach a bhlìadhn’ ur, tha i romhainn, agus tha ’nar comas moran uile us math a dheanamh fhad ’sa bhios i againn. Ma ni sinn gu math bidh cuimhne na bliadhna so gle thaitneach leinn ’sna bliadhnaichean a thig ’na deigh, ach ma’s ann gu h-olc a ni sinn, cha’n urrainn duinn amharc oirre an deigh laimhe ach le grain agus fein-dhiteadh. An dochas gur ann air an dòigh a’s fhearr a ghabhas deanamh a chaitheas sibh féin agus luchd-leughaidh MHIC-TALLA an da mhios dheug a tha rompa, tha mise le m’ uile chridhe a’ guidhe BLIADHNA MHATH UR dhuibh uile, agus moran dhiubh! Is mi ’ur fior charaid, an latha ’chi ’s nach fhaic, A Bhliadhn Ur, 1897. OSCAR. Tha e ’na chleachdadh aig moran mu’n àm so dhe’n bhliadhna a bhi ’bòideachadh gu bheil iad a dol a dheanamh moran feuma air a bhliadhna air am bheil iad air tòiseachadh—na ’m b’ àbhaist dhaibh a bhi ri nithean nach robh ceart, sguiridh iad dhiubh, agus ma bha iad ri nithean a bha math annta féin, ni iad an tuilleadh dhiubh. Ann an aon fhacal, tha iad a’ dol a chur seachad na bliadhna so mar nach d’ rinn iad aon riamh roimhe chur seachad. Ach ’s tric a thachras nach bi a bhliadhn’ ur seachdain a dh’ aois ’nuair a bhios na bòidean sin uile air am bristeadh ’s air an leigeil á cuimhne, agus cha bhi iad air an ùrachadh tuilleadh gus an tig an ath bhliadhn’ ùr. Tha fhios againn gur ann mar sin a dh’ éirich do mhoran, agus theireamaid riutha aig an àm so, gu’m b’ fhearr gu mor gun ghealladh sam bith a thoirt seachad na a thoirt agus an deigh sin a bhristeadh. Ach ma thug iad an gealladh seachad, tha e mar fhiachaibh orra an dichioll a dheanmh air a choilionadh , agus na bitheadh e mar na lòineagan sneachda a laidheas air bhàrr na géige, agus a dh’ fhalbhas leis a cheud oiteig. Duine sam bith a gheallas deanamh na’s fhearr, bu chòir dha ’bhi cho seasmhach ’s gu’m biodh e air a chuid bu lugha ’toirt ionnsuidh air na gheall e a choilionadh. Tha còrr us ceitheir mile deug saighdear Spàinnteach ann an Cuba tinn le galairean a tha buailteach do dhaoine ann an dùthchannan teithe. Tha taighean-ceannachd air an tionndadh gu bhi ’nan taighean-eiridinn, agus tha na dilleachdain air an cur as na taighean a bha toirt fasgaidh dhaibh, agus saighdearan euslan air an cur ’nan àite. A reir gach sgeòil tha na Spàinntich a’ faighinn tilleadh air muin tilleidh ann an Cuba, ach mar a tha cùisean, cha’n eil fhios co-dhiubh tha no nach eil gach sgeul a tha tighinn fior. Tha cuirt a dol air adhart ann am Boston o chionn còrr us seachdain mu’n mhort a rinneadh air bòrd an t-soithich Herbert Fuller a’s t-samhradh s’a chaidh. Chaidh fear de na bh’ air bòrd, Monk, a leigeil m’a sgaoil, agus tha dithis eile ’gam feuchainn an drasda. A reir coltais cha teid aca air Bram fhaotainn ciontach, agus tha cuid de na dotairean a’ deanamh a mach gu bheil an treas fear, Brown, as a rian, agus ma tha sin mar sin cha chuirear peanas sam bith airsan. ’Se càs neònach a th’ ann bho thoiseach gu deireadh. Bha taosg de dhaoin’ òga a bha ’g ionnsachadh na dotaireachd a’ falbh air an rathad-iaruinn eadar da bhaile anns an Spainn. Air son spòrs dhaibh fein, chuir iad claigionn duine air bàrr bata, agus chuir iad suas e ri uinneig an t-seòmar a b’ fhaisge orra, agus iad fhein a ròmhanaich aig a cheart àm. ’Nuair a stad an carbad, fhuaireadh gu robh seana-bhean a bh’ anns an t-seòmar sin air bàsachadh leis an eagal, bha te eile air a dhol ann an nial, agus bha seann duine air a dhol as a rian. Am bheil thu air son fhaighinn a mach co an duine roimh ’m mo bheil agad de reusan a bhi air d’ fhaicioll. Ma tha, amhairc ’sa sgathan, agus mur faic thu a dhearbh-choltas, tha mise air mo mhealladh. G. H. GUZZWELL, Seudair agus Uaireadairiche, Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa. Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh. SIDNI, - - - C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 198] [Vol. 5. No. 26. p. 5] Sealladh o Mhullach Beinne ann an Earra-Ghael, mu dhol Fodha na Greine. O’n is cuimhne leam beathach no duine, b’e mo thlachd a bhi siubhal nam beann; agus is minic a ghabh mi sealgaireachd mar leisgeul, chum an srath fhàgail, agus farsuingeachd a’ mhonaidh a ghabhail fo m’ cheann. Tha toileachas-inntinn ri fhaotainn air mullach beinne àird, leis an t-sealladh fharsuing a tha uaithe air muir agus air tìr-mòr; nach feud gun àrdachadh inntinn a dhùsgadh a tha air dòigh àraidh taitneach agus tarbhach. ’S ann uaithe so tha e tachairt, gu bheil spéis mhòr aig gach aon do’n bheinn is dlùithe don àite san d’fhuair e àrach,—bàigh a leanas ris fhad ’s is beò e; agus thigeadh e dhachaidh á Innsibh na h-àird an ear no ’n iar, cha bhi e sa’ choimhearsnachd gun togradh a dh’ ionnsuidh an àite anns an d’ fhuair e, air leis, a’ cheud bheachd air farsuingeachd an t-saoghail; agus bi’dh e déigheil mar an ceudna air ’eòlas ath-ùrachadh air gach glac agus coire a b’ àbhaist da thaghall ’na òige, ’nuair bu lùthmhor a cheum, agus a bu bheag a bha ’n saoghal a cur air a chridhe do chùram. B’ àluinn an là ann an céitein an t-sàmhraidh, ’nuair a dh’ fhalbh mi gun duine maille rium, le rùn fior mhullach na beinne a ruigheachd, agus sealladh fhaotainn air dol fodha na gréine. Bha ’n là san àm sin ’na fhad ’s ’na bhlathas: bha gach eun a’ seinn aig beinn ’s aig baile, agus obair na cruitheachd fo shòlas. Dhìrich mi o ghuala gu guala, o choise gu coire, gus an d’ ràinig mi an t-àite san robh an àiridh ri m’ cheud chuimhne: bha làraichean nam bothan fathast r’ am faicinn; bha crò nam meann ’na tholman uaine, an t-sòbhrach ’s an neòinein a’ fàs air. B’ aighearach an sùgradh a b’ àbhaist a bhi ’n so moch-thrath agus feasgar ’an àm bleodhann na spréidhe. Bha ’n t-alltan beag a’ siubhal gu seimh troimh ’n àilein, le torman co tùchanach ’s bu ghnàth leis. Shuidh mi car tamuill air a’ bhruaich ag iarraidh fionnachd ’na bhraonaibh tlàtha. Cha deach mi seachad air aon tobar a chaisg ìota m’ òige gun fheuchainn, no air eas no leum-uisge gun seasamh air an cùl a dh’ fheuchainn an robh co liutha bogha-frois ri fhaicinn ’sa b’ àbhaist. Mar so chaidh mòran do ’n latha seachad, ach ràinig mi fa dheireadh mullach na beinne. Shuidh mi ’m fasgadh an liath-chùirn a bh’ air a mullach, agus dh’ amhairc mi air an dùthaich mu ’n cuairt, B’ àluinn a beinnean ’s a srathan; B’ éibhinn dath a gleanntan. Bha tìr-mòr na dùthcha ri m’ chùl, ach bha mach calg-dhireach m’ am choinneamh a’ chuid bu mhò do Innse-Gall, an cuan mòr le ’chaoil ’s le ’loingeas, agus a’ ghrian ghlòrmhor féin a’ tearnadh o àirde nan speur ann an àilleachd an fheasgair. Cha robh eilean eadar Caol-Ile mu dheas, agus an Caol-Sgiathanach mu thuath; cha robh sliabh eadar Beinn-an-òir an Diùra agus a Chullainn ann an Eilean-a’-Cheò, nach robh gu soilleir a’ m’ bheachd. Bha Muile dorcha, le ’chaol mara mar amhuinn àluinn ag iathadh mu ’n cuairt da, dìreach fo m’ shùil. Bha I nan Deòradh le ’laraichibh briste, ann an uaigneas sàmhach r’ a thaic; Staffa ainmeil le uamh nan tonn mar dhùrdan beag a mach air an fhairge; Tirì ìosal an eòrna,—Cola creagach,—Eig, le ’sgòrr ri speur,—’s an t-Eilean Sgiathanach, ban-righ an iomlain; agus a mach air an cùl gu léir, ann an iomall na rìoghachd, an t-Eilean-Fada mar mhìle sgeir, ag éiridh air aghaidh a’ chuain, smùid ghàirdeachais ag éiridh o gach aon diubh, ’nuair bha ’ghrian a’ siubhal seachad os an ceann, ’gam fàgail mìle do mhìltibh ’na déigh. Bu dìomhain oidheirp a thoirt air a’ choilion smuain a bha taitneach, agus, tha dòchas agam, a bha tarbhach, a dhùisg suas leis an t-sealladh so. Air a leithid so a dh’ àm cha ruigear a leas an inntinn a chumail fo smachd. Bu shona a bhiodh daoine nan giùlaineadh iad, am measg ùinich agus othail na beatha so, càileigin do ’n aigne mhaith sin, a tha uaigneas agus sàmchair a shamhuil so do àite a tàrmachadh. Oir, gu cinnteach, mar a’s mo a thàirngeas sinn air falbh o iorghuill an t-saoghail so, ’s ann a’s mò a ruigeas sinn air an fhonn spioradail sin, trid am bheil an t-anam air a chur air ghleus gu co’-chomunn àrd a chumail r’ ar n-Athair neamhaidh. Nam bu mhath leinn blasad air an aoibhneas so, cha bu neo-iomchuidh dhuinn air uairibh comunn an t-saoghail so fhàgail, agus a ràdh ris gach imcheist bhuaireasach a bhuineas dha, mar thubhairt Abraham r’a òganaich, Fanaibhse ’an so, agus theid mise suas a thairgse na h-ìobairt. Bha ’ghrian a téarnadh gu luath; bha dath an òir air aghaidh nan speur; bha a leadan àillidh cheana sa’ chuan, agus an fhairge, mar gu ’m b’ ann, a’ dùnadh mu ’n cuairt dh’i. Is blasd’ a’ chainnt a chleachd bàrd na dùthcha so féin, ’nuair bha ’n sealladh so aige, ’s math a dh’ fheuidte, o’n mhullach cheudna. Ach bu dall sinne mur gabhamaid beachd a b’ àirde air an t-sealladh so, na dh’ fheudadh esan fhòghlum o thuigse nàduir. An ti nach mothaicheadh o’n t-sealladh so glòir an Ti naoimh a chruthaich a’ ghrian, agus a sgeadaich an saoghal le ’uile àilleachd, bu bhochd, gu dearbh, a chor, agus cha chulaidh-fharmaid a chridhe; oir, gu deimhin, bu ghlòrmhor an taisbean a bha ’n so air cumhachd agus maitheas Dé. A bhi mothachadh do ’n ghàirdein thréun sin air am bheil an domhan crochta, a’ fosgladh air an dara làimh dhiom dorsa na h-oidhche do ’n ghréin, ’ga cur a mach a shoillseachadh taobh eile ’n t-saoghail, ’s a dhùsgadh nam mìltean as an suain: ’s a bhi faicinn a’ ghàirdein cheudna a’ togail na gealaiche dhuinne ’na h-àite, an robh e comasach gun éigheach a mach, Is glòrmhor thusa, O Dhé uile-bheannaichte! tha neamh agus talamh làn do d’ ghlòir, a Thighearna nam feart; tha thu toirt dhuinne gach beannachd ’na thràth, agus cha ’n ’eil thu air àm sam bith, ’gar fàgail fo an-dòchas no dith! Chaidh a’ ghrian fodha, agus shaoileadh tu gu ’n robh an saoghal a’ caoidh: bha ’n drùchd tròm, mar dheòir na h-oidhche ’na déigh; a’ braonadh gu làr. Dh’ fhalbh a’ ghrian, ach bha fathast àirde nan speur air an òradh le gathannaibh àghmhor, a’ lubadh a nuas gu fann fathast air an t-saoghal, ’s ’ga bheannachadh le eadar-sholus an anmoich. Bha’n ceò a’ sgaoileadh sios air an leachduinn, agus bha ’n t-àm dhomh nis am monadh fhàgail. Bu bheannaicht’ an t-sàmhchair a bha mach air feadh an domhain; bha còrr fhuaim ann, ach cha bu chulaidh-eagail no uamhais iad,—torman nan allt, mar bha iad a tuiteam leis an aonach o chraig gu craig,—sgriach na h-iolaire, ’s i ’g itealaich air bile na creachainn, ag iarraidh a h-àil air an aisridh chorruich; an fheadag ghuanach o thòm gu tòm; gogail a’ choilich-ruaidh ’gam dhoichioll o’n bheinn; a chearc a’ gairm a h-àil fo ’sgéith, agus miogadaich nan gabhar ag iarraidh am meann. O! cia lion mhor mile beò-chreutair air feadh an t-saoghail, smuainich mi, a bha, sa’ cheart am so a’ dol gu tàmh fo shùil-choimhead an Fhreasdail sin a bha faireadh thairis orra, agus a dh’ uidheamaich àite tàimh do gach aon aca fa leith. Tha sùilean nan uile ort, O! Dhé; tha thu toirt doibh gach sochair ’na thràth. Agus ma tha Dia mar so a’ buileachadh orrasan na h-uiread do chùram, an dean e dearmad air mac an duine? “Feuch,” a deir Criosd, “eunlaidh an athair; cha chuir iad, agus cha bhuain iad, agus tha Dia ’gam freasdal; agus nach fearr sibhse gu mor na iadsan? Eisd so, O! thusa air bheag creideimh: giùlain na smuaintean so leat do d’leabaidh; earb thu féin ri Dia, leis an dòchas a tha ’g éiridh uatha, is bithidh do chadal taitneach.—Leabhar nan Cnoc. Sgeul agus Oran. Tha mi cur g’ ur n-ionnsuidh beagan rannan a rinneadh le Calum MacLeoid, sgiobair luinge a bha ’fuireach aig Loch-nam-madadh ann an Uidhist. Bha Donull Mac-an-Rothaich d’an rinneadh an t-òran, bliadhnaichean a’ deanamh a dhachaidh de thigh Chaluim. Cha robh a chiall uile aig Donull bochd, ach bha e na dhuine mor, trom, agus cho làidir ris an each, agus bha e cho leisg ris an lunndaire. ’S e an “Speireag” a bh’ aca mar fhrith-ainm air, agus bhiodh corruich mhor air an uair a theirteadh an t-ainm so ris. Thàinig e latha do thigh MhicLeòid an deaghaidh a bhi air falbh ùine mhor gun fhios càite, agus thuirt Calum ris:— Dh’ fhalbh an Speireag air iteig do’n iarmailt, ’S thug i ’n taobh siar oirre dh’ iarraidh g lòin. Tillidh i rithist mar shneachda gun iarraidh, ’S gabhaidh i sios gu Calum MacLeòid. Bha greann anabarrach air Dònull daonnan, ach laidh gruaim gu tur air a mhallaidh an uair a chual e an rann ud, agus thuirt e, “Cha dian mi car oibreach gu bràch tuille dhut a Chaluim.” [TD 197] [Vol. 5. No. 26. p. 6] NAIDHEACHDAN. Chaidh fear Ian Mac Nimhein a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa a mharbhadh ann an coilltean New Brunnswich an la roimhe le craobh a thuiteam air. Tha rathad-uisge St. Peter’s air a dhùnadh air son a’ gheamhraidh, agus tha ’n soitheach-smuide Blue Hill a b’ àbhaist a bhi ruith eadar Caolas Chanso agus na Narrows Mhora an deigh a cairtealan geamhraidh a ghabhail ann am Baddeck. Tha an t-Urr. Coinneach Mac Coinnich, a bha ré an t-samhraidh ’s an fhoghair a saoithreachadh ann an caochladh àitean air an eilean so, a nise air a dhol air ais gu Halifax far am bheil e o chionn àireamh bhliadhnaichean a deanamh a dhachaidh. Chaidh mèinn Springhill ’na teine Di-satharna s’a chaidh, agus bha eagal orra gu robh i gu bhi air a milleadh gu mor, ach cha deach e ro fhad air adhart agus cha robh an call cho mor. A chuid sin de ’n mheinn a chaidh ’na theine, bha e ri bhi air a dhùnadh deireadh na bliadhna. ’Nuair a bha Morair Obaraidhean a’ dol troimh Winnipeg o chionn ghoirid, chaidh currachd béin a bh’ aige a ghoid, agus b’ fheudar dha am baile fhàgail as aonais. Beagan lathaichean an deigh do ’n mhorair falbh, chaidh braidein a ghlacadh air an t-sràid ’s an currachd m’a cheann. Chaidh fear Iain Batherson ann an Sidni Tuath fhaotainn ciontach an darra uair, air son creic deoch làidir; dhiult e a chàin a phàigheadh agus chaidh a chur dh’ an phriosan, far an do chuir e seachad Latha Nollaig, agus far am feum e a reir coltais na ceud lathaichean dhe ’n Bhliadhn’ Uir a chuir seachad cuideachd. Bha stoirm mhor shneachda ann am Manitoba ’s anns an Iar-Thuath o chionn mios air ais, agus bha eagal air na tuathanaich gu’n cailleadh iad a chuid bu mho dhe ’n spreidh, ach thainig side bhlath a rithist, agus cha bhi an call mor sam bith. Tha an t-side ’n drasda na’s blàithe na bha i geamhradh o chionn fhada. Thug an t-uisge air falbh a chuid bu mhotha dhe’n t-sneachda, mo mheadhon na seachdain. Bha sin fhéin cho math, oir mar a bha e cha robh ann ach fior dhroch ròidean. Ann an àiteachan bha citheachan mora dheth, agus an àiteachan eile bha talamh dubh ann. Tha na droch ròidean a’ cur grabadh mor air reic us ceannach, oir leis mar a tha iad cha ’n fhaigh daoine ach gann gluasad bho na taighean. Tha na marsantan a’ gearan gu mor, agus tha na h-aobhair aca. Fhuaireadh stuth dubh ann an Algoma an Ontario, air a gheamhradh so, agus tha caochladh bharailean am measg dhaoine thaobh ciod an stuth a th’ ann. Tha cuid ag radh gur-a gual a th’ ann, ach tha luchd-ealain ag radh nach e, gur e th’ ann stuth ris an canar anthraxolite. Co-dhiu loisgidh e agus bheir e teas uaithe a cheart cho math ris a’ ghual, agus, mar a tha aon de phaipearan Ontario ag radh, fhad ’sa ghabhas e ’sa ghoileas e a phoit, faodar a bhi coma c’ ainm a th’ air. Tha pàrlamaid no Congress nan Stàitean air son toirt air an Spainn a saorsa thoirt do Chuba. Tha iad air comhairle clag Sgàinn, ma chual iad riamh i, a leigeil as an cuimhne, “An rud nach buin dhut, na buin dha.” Ach tha Cleveland comasach air stad a chur orra, ged nach eil e gu bhi ’san dreuchd ’sam beil e ach beagan us da mhios eile, agus rinn e sin. Cha mhor dhaoine nach d’ fhuair coire dha an uiridh air son cho teann ’sa chaidh e air cogadh a dhùsgadh suas eadar na Stàitean us Breatunn, ach air an turus so, cha mhor nach eil ’ga mholadh air son an t-sith a ghleidheadh eadar na Stàitean ’s an Spàinn. B’ fheudar dhuinn ainmean na phàigh a chumail as a’ phaipear air an t-seachdain so, ach bidh iad anns an ath àireamh, agus tha sinn an dochas eadar so us Di-satharna s’a tighinn gu ’n dean moran eile an cuid dholair a chur a stigh, agus gu’m bi an ainmean air an cur an clò còmhla ri càch. Air an t-samhradh s’a tighinn tha soitheach-smùide gu bhi ruith eadar am port so agus Port au Basque air taobh siar Newfoundland, far am bheil ceann an rathaid-iarunn ùir. Tha an soitheach ’ga togail ann an Glascho, agus cosgaidh i mu chairteal muilein dolair. Ni i an t-astar eadar taobh siar Newfoundland agus Ceap Breatunn ri leth latha. Cha ’n eil aon de na soithichean-smùide a b’ àbhaist a bhi cur an cuairtean air a cheann so dhe ’n eilein a nis air ghluasad ach am Peerless. Tha càch uile air a dhol mu thàmh air son a gheamhraidh. Bha ’m Peerless fhein air a cumail na tàmh Di-màirt ’s Di-ciaduin le pairt de h-inneal a reothadh oidhche Di-luain, ach ’sa mhaduinn Dior-daoin bha i air a cuairt àbhaisteach a rithist. Tha gorta mhor anns na h-Innsean. Tha duin’-uasal àraidh a’ sgriobhadh gu fear de na paipearan Sasunnach, agus ag innse gu bheil anns na mor-roinnean meadhonach na miltean a’ bàsachadh gach latha le cion a bhidh. Tha Riaghladh na dùthcha a’ deanamh an dichill air biadh a riarachadh air an t-sluagh bhochd, ach cha mhor is urrainn daibh a dheanamh leis cho lionmhor ’s a tha ’n sluagh. Tha MAC-TALLA toirt mile taing dha chàirdean a rinn cuideachadh leis air a bhliadhna s’a chaidh, agus tha e ’n dòchas gu ’n soirbhich gu math leotha air a’ bhliadhn’ ùir so. Tha e an dochas gu ’n cuir gach aon roimhe gu ’n dean e ’dhichioll air bliadhna shoirbheachail a thoirt do ’n MHAC-TALLA, air dhoigh ’s mu ’n tig crioch air 1897 gu ’m bi e air fàs ann am meud, ’s ann am mathas, agus gu’m bi e sior fhàs measail aig a luchd-dùthcha. Oidhche Nollaig thainig roinn de dh’ òigridh. Orangedale us Amhuinn Dhennis air chéilidh do ’n mhansa ann am Malagawatch, agus thug iad aireamh de ghibhtean luachmhor do ’n Urr. Iain Ròs ’s da mhnaoi. An deigh sin chuireadh seachad am feasgar gu cridheil sunndach. ’S e so a cheud Nollaig do Mhaighstir Ròs an deigh tilleadh do Cheap Breatunn, agus ’s math leinn a chluinntinn gu’n do chuir e seachad i air dòigh cho toilichte. ’Se ’n togalach fiodha a’s sine th’ air an t-saoghal, eaglais a th’ ann am Borgund, an Norway; Chaidh a togail anns an aonamh linn deug. Bha i air a cumail o ghrodadh le bhi air a cumail còmhdaichte thairis le bìgh a ghiuthais. Tha moran tinneis ann an cearnan de Eilean a’ Phrionnsa. Ann an aon àite, Rathad Murray Harbour, bha aon tigh anns an robh an duine ’sa bhean a stigh marbh aig an aon àm. Tha ’n t-side th ’ann air a gheamhradh so glé mhi fhallain. Air a bhliadhna ’n uiridh, cha bu lugha na 2893 pearsa a chaill am beatha anns na h-Innsean le beothaichean fiadhaich, mar a tha ’n tigear, an elephant, am panther, agus am mathan. Anns an ùine cheudna, chaidh 21,538 a chur gu bàs le nathraichean an lot. A bharrachd air call beatha dhaoine, chaidh 97,000 beothach càllaichte a mharbhadh leis na beothaichean-fiadhaich ’s leis na nathraichean. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 199] [Vol. 5. No. 26. p. 7] “Ud, a Dhònuill,” osa Calum, “cha b’e sid a bha mi ’ciallachadh ach so:— ’S math thu fhein, a Dhònuill mhoir, As do léine, as do léine; ’S math thu fhein a Dhònuill mhoir, As do léine phlangaid. Bha Dònull bochd làn riaraichte leis an rann mu dheireadh, agus chaidh e dh’ obair gu sunndach. Chaidh Dònull latha air chéilidh do thigh aon de na coimhearsnaich, agus shìn e e-fhein air beingidh a bha fa chomhair an teine, ’s tuitear na ’chadal, ’s rachar a làmh ’san teine, agus loisgear i. Ruith e dhachaidh ’s e a’ caoineadh mar gu’m biodh leanabh. Chuir te de nigheanan an sgiobair cungaidh ris an laimh, agus an deaghaidh a ceangal suas chuir i meatag mhor le ’h-athair air. An ceann tacain chrìn chual i Dònull ag caoineadh a rithist. “Carson a tha thu a caoineadh a nis, a Dhònuill?” os an nighean. “O, cha’n iongantach dhomh bhi caoineadh,” osa Dònull, “agus te dhe m’ mheòir ag goil na poit-bhuntata ’an tigh ar coimhearsnaich.” Sheall an nighean air laimh Dhònuill a rithist, agus chuunaic i mar a bha—chuir i dithis de na meòir aige an aon mhiar na meataige, agus mar sin bha fear de na meòir falamh. “Is math, a dhuine bhochd gu’n d’ thug thu an aire dha,” os ise; “ach gheibh mise am miar dhut agus cuiridh mi ort e, agus bidh e cho math ’s a bha e riabh.” Chuir i a mheatag ceart, agus bha Dònull lan chinnteach gu’n deach i dh’ iarraidh a mheoir do’n teine, agus gu’n do chuir i air e a rithist. Bha Dònull mar a tha moran dhaoine is glice—ro throm air an tombaca. Uair a bha sid a thainig MacLeòid dhachaidh bhar turuis fhada, thachair Donull air ’s an dorus, agus ’s i chiad fhàilte a chuir e air, “Am bheil tombaca agad domh, a Chaluim?” Bha mu phunnd aig an duine chòir dha na ’laimh, agus thilg e air e. Leig Donull e fhein sios gu faiceallach air an ùrlar ag gabhail air gu’n robh e marbh, agus thòisich Calum air an rann a leanas a dheanamh dha mar mharbhrann:— Righ gur mis’ tha dheth brònach, A h-uile latha ’s Di-dònaich, Bho’n a chuir iad thu, Dhònuill, An ciste bhòrda gu teann. Ga d’ ghiùlan aig fearaibh, A dh’ fhalbh leat do Sgeallair; Sgeul ar cràidh bhi ga aithris, Thu gun aithne, gun chainnt. Na ’m b’ ann am baiteal no ’n còmhraig, A rachadh do leònadh, Gur a h-ioma laoch dòrn-gheal A dhianadh striòceadh le lann; A thigeadh g’ar còmhradh, A dhioladh do thòrachd Bho Chaisteal ud Fòlais Le ’n cuid sròiltean ri crann. Thigeadh Rothaich na ’n ceudan, Mar bheum tuile le sléibhtean, Luchd a dheanamh an euchd ud, ’N uair a dh’ éight’ an adbhanns. Ann am blar Chlach-na-h-aire ’S mor an cliù fhuair na feara, Dh’ fhàg na Frisealaich ainneamh, Ged bha ’m barrachd dhiubh ann. Gur h-ioma laoch treubhach, A dh’ fhàg iad gun èirigh, ’Call am fala bho ’n créuchdan As gach féith a bha annt’ ’S na ’m biodh tus’ ann le d’éideadh Le d’ chlaitheamh ’s le d’ sgéithidh, Cha robh laoch anns an Fheinne, A dhianadh d’ fheum air an ceann. Bha mo ghréidheir-sa làidir, Bu mhath gu feum ’us gu stàth e, Na b’ eòlaich air àiteach, Mu na bàigh cha robh ann. Foghar, geamhradh, ’us céitein, Bhiodh tu ’g àrach na spréidhe, Bhiodh tu muigh air na sléibhtean, Air an déigh anns gach am. ’Tighinn bho shiubhal an aonaich, ’S ann ort fhein bhiodh an fhaoilte, Fiamh a ghàire bhiodh daonnan Air an aodann gun sgraing. Bhiodh mo thigh air dheagh chòmhdach, Air dheagh-ghréidheadh mo mhòine, ’S mor an call a th’ ann dòmhsa. Gu’n deach am fòd air do cheann. Cha robh Dònull bochd an uair sin ach a leigeadh air a bhi marbh; ach beagan bhliadhnaichean an deaghaidh sin fhuair e bàs cruadalach. B’abhaist do Chalum Mac-Leòid a bhi ga chur le h-airgead astar á Loch-na-madadh, agus bha fios aig daoine air sin. Turus a bha ’sin chaidh e ’chur seachad na h-oidhche ’am bothan mnatha-eòlais. Mharbh a’ bhaobh e ’an duil gu’n robh airgead air a shiubhal—chuir i an clobha mu ’amhuich ’s e na ’chadal agus thachd i e! Tha ’n sgiobair còir a nise fo ’n ùir mar an ceudna, agus thar leam gur bochd na rannan a leigeadh air di-chuimhne. Uime sin uasail cheanalta, bhithinn ad chomaine, na ’n tugadh tu, uair no uairigin, cearb a d’ bhreacan daibh.—Mairi NicEalair ’sa Ghaidheal. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4.; ’95 CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. [TD 200] [Vol. 5. No. 26. p. 8] Failte do’n Bhliadhn’-Uir. LE NIALL MAC LEOID. Failte ’s furan do’n bhliadhn’-ùir, Le ’trusgan geal is sunntach greann, ’Dhùisgeas aiteas anns gach gnùis, A sgaoileas fleadh mu bhùird le fonn. Ged nach fhaigh sinn a bhi dlùth Do ’r luchd-comuinn rùin ’s an àm, ’S e ’chiad làn a théid ’s a’ chuaich:— Slàinte bhuan do Thìr nam beann. ’Tàmh am baile-mòr nan tùr, Cha bu dùthchas dhuinn ’bhi ann, Far nach fhaic sinn fiadh air stùc, No bradan ùr ’g a thoirt á allt; Far nach cluinn sinn pìob air cluain, No gillean-Callainn shuas an gleann— Ach cuiridh sinn mu ’n cuairt a’ chuach, ’Dianamh luaidh air Tìr nam beann. Tìr a’ mhànrain, tìr a’ chiùil, Tìr nam fiùran nach robh fann; Ged ’tha ’n sliochd ’g an car air chùl ’Dhianamh rùim do chlann nan Gall— ’S iomadh fàrdach ’tha gun smùid, Far ’m bu shiùbhlach fonn nan rann; Ach bidh an aigne blàth gach uair ’Ni iad luaidh air Tìr nam beann. Saoghal fada, maoin, ’as cliù, Do ’r luchd-dùthcha ’bhos ’us thall; Dòirteadh bheannachdan mar dhriùchd, Gach bliadhn’-ùr ’thig air an ceann. Ged a sgaradh sinn ri luaths, Bidh ar càirdeas buan ’s gach àm; ’S òlaidh sinn le caithream cruaidh, Làn na cuaich’ air Tir nam beann. Thug mi Gaol do ’n Fhear Bhan. Fhir a dhealaich rium Di-luain ’S tu mo luaidh am measg chaich; ’S do ghruaidh dhearg mar na caoran Ri taobh nan beann ard’. LUINNEAG. Thug mi gaol, thug mi gaol, Thug mi gaol do ’n fhear bhan; Thug mi gealladh dhuit a ghaol, ’S o cha’n fhaod mi bhi slan. Chunnacas soitheach anns a chuan ’Toirt an nuas nan seol ard; ’S ’nuair a dhiult i ’dhol mu ’n cuairt Bha mo luaidh-s’ air an t-snamh. Cha’n ’eil leannan fo na ghrein Agam fein ach a dha; Fear an reiseamaid a chrùin, ’S fear san tiuir air nach traìgh. Bha thu deas is bha thu tuath, Bha thu ’n Clusidh uair no dha, Gealladh cha d’ thug mise bhuam Bho ’n a fhuair mi do lamh. Tha do litir ann am phoc’, ’S gealladh posd’ uair no dha; ’S mur h-eil piuthar agad fein, ’S mi bu deuraich na cach. ’S e do ghaol a rinn mo lot, ’S a chuir spiochd orm an drast, Guth do bheil a rinn mo leon, ’S e bu cheol dhomh goch la. Bha mi bruadar ort an raoir, A bhi ’n caoimhneas mo ghraidh; Ach ’nuair ’dhuisg mi as mo shuain Bha mi fuar, falamh, fas. Cha d’ thug mise gealladh riàmh Dha ’n fhear liath gun bhi slan; B’ annsa leam an t-oigear donn ’Thogadh fonn am measg chaich. Cadal cha’n fhaigh Mi. ’S mis’ a thug an gaol ’S paor a rinn mi ’cheannach; Bhuail e mi ’san taobh Far nach faod mi ’ghearan. LUINNEAG. Cadal cha dean mi, Cadal cha dean mise, Cadal cha dean mi ’Cuimhneachadh na cruinneig. Bha mi ’n raoìr air bàl, Ma bha cha b’ ann toilicht’; Shuidh mi air do ghluin, ’S dhiult thu mi ’sa mhionaid. Bha mi ’n raoir air bàl An taigh ard nan uinneag; ’S greusaiche nam brog, Phog e thu le furam. Tha do ghruaidh mar ròs, Tha do phog mar ubhall; ’S tu a’s guirme suil, ’S tu mo run ’s mo roghainn. ’S e mo cheist do shuil, ’S e mo run do chridhe; Faileadh an t-subh chraobh Dhe t’ anail chaoin a tighinn. Mairi air a bheinn, Mairi ’m bun a bhruthaich, ’H-uile Mairi ’th’ ann Tha mi ’n geall orr’ uile. Ann an aon de na beanntan mora teine a tha air Eileanan Sandwich, tha loch mor de làbha leaghte ’na mullach nuair a tha i sàmhach. Tha an làbha so air a deanamh suas de chreagan dhe gach seòrsa a bha air an leaghadh am broinn na talmhainn, agus tha i ri amharc oirre eadar a bhi gorm ’s a bhi dubh. Faigh a mach ciod a bharall a th’ aig do naimhdean ort, oir gu tric ’si bharail a’s fhaisge air a bhi ceart; cha ghabh iadsan do leisgeul air son ni sam bith mar a ni do chàirdean. Tha àireamh de leabhraichean Neill ’Ic Leòid, “Clarsach an Doire,” againn ri ’n creic. Cuiridh sinn an leabhar so leis a phosta, air son dolair. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. THA SO AIR A CHUMAIL DO D. J. DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. STOR UR TAILLEARACHD. ANN AN Stor W. E. Peters. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. [TD 201] [Vol. 5. No. 27. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 9, 1897. No. 27. Litir a Manitoba. FHIR-DEASACHAIDH GHAOLAICH:—“Ruigidh each mall muileann mu’n ruig each a bhriseas a chas.” Na’m bitheadh fios agads’ a dhuine chòir air a h-uile maille a chaidh a chur air do charaid a’ bogadaidh chum nan iosgaidean ann an sneachda domhainn dùmhail a’ sireadh làn a ghlaice de’n bhrogach luathaireach aimlisgeach ud a rinn an t-òran do’n òigh NicIlleathain, bhiodh ioghnadh ort gu’n d’ fhuair mi an so cho aithghearr. Ach coltach ris an allaban a gheibh fear a dol a choimhead air a leannan ’nuair a bhios an gnothuch a’ soirbheachadh leis, cha bhi iomradh air, aig am pòs e agus an tòisich an dithis ri bhi còmhstri mu ’n uachdranachd, a tarruing na slat rioghail bho aon a chéile. Sin direach mar a dh’ eirich dhomhsa a’ ruith an amadain ghlic, ach gu cinnteach ma labhras mi an fhirinn faodaidh mise agus am bàrd a dhol troimhe chéile fathast airson slat cho oirdhearc agus air an an do dhùin dòrn righ na tighearna riamh; agus faodaidh deòir an aithreachais a bhi deanamh claisean am ghruaidhean airson mo shaothair san àm so. Ach tha mi coma co-dhiu; rinn am bard ni nach robh an comas domhsa a dheanamh. Fàgaidh mi uime sin e-féin agus òran fuidh bhreitheanas MHIC-TALLA chòir nach d’ rinn eucoir air bochd no beartach riamh. Tha mi fad an comain an duine shuilbhir, Aonghas MacAoidh. ’Sann leam bu mhiann a bhi tacan ’na chòmhradh ’s cha chreid mi nach abrainn an t-altachadh arg Eachann Hamara, ’nuair bha e measg nam ministirean a bha ’còmhradh anns a Bheurla,—“Moladh dhuit a Thighearna gu’n tuig thu Gàilig.” Ach Eachainn Hamara chòir na’m bitheadh tu ’sa cholainn an diugh chluinneadh do chluasan slaodairean mosach aig nach b’ abhaist min a bhi air a bhrochan ag àicheadh nach robh Gàilig aca riamh, agus a labhairt cainnt nach faod a bhi aon chuid taitneach le Dia na le daoine. ’S tric a bhios iad sud a toirt a’m chuimhne briathran duine chòir a bha sgith de nitheigin: “Cuid dhe na Ghàilig ’s pairt dhe na Bheurla Sa chuid nach tuig càch dhe bheir e gàir air fear Ghesto,” Is mi do charaide dileas, MAC DHOMHUILL BHREABADAIR. [Bidh an t-òran a tha air ainmeachadh anns an litir so anns an ath àireamh. Thàinig e tuilleadh us anamoch airson na h-àireamh so. Tha sinn toilichte cluinntinn o “Mhac Dhomhnuill Bhreabadair,” agus tha sinn an dòchas gu’n cluinn sinn uaithe gu tric air a bhliadhna so.] Mu Bhreugan.—Earail do’n Oigridh. Tha e anabarrach feumail, mo chàirdean, gu’n labhair sibh do ghnàth an fhirinn. Ma tha sibh co sona ’s gu’n do ghnàthaich sibh an cleachdadh so an àm na h-òige, is dual da gu’n lean e ribh an deigh làimhe; ach ma ghnàthaicheas sibh san àm so breugan agus mealltaireachd, ciod ris an ion fiughar a bhi ach gu’m fàs sibh ni’s cealgaiche mar theid sibh an aois. ’Nuair a dh’ éireas duibh aon olc a dheanamh, theagamh gur math leibh a chleith le breug innseadh do’r pàrantaibh no do’r maighstiribh; ach bithibh air ’ur faiceall roi’ a leithid sin do cheilg. Cha bhiodh ann ach aon chionta chur ri cionta eil, agus mar sin bhiodh ur giùlan ni bu mhiosa na bha e roimhe. Ach ma ni sibh aideachadh saor, soilleir, ’s dòcha gur lughaid an aire bheirear do ’ur mearachd; ach ma gheibhear a mach gu’n d’rinn sibh coire, agus [?] d’ oidhearpaich sibh a chleith le breig, ’s du gu’m bi ’ur peanas ni’s truime. Ma b’ àill leibh a bhi saor o bhi cleith ’ur lochdan le breugaibh, thugaibh oidheirp air a bhi co neo-lochdach ’s a dh’ fheudas sibh. Bithibh cùramach m’ar foghlum agus mu’r n-obair. Seachnaibh droch cleasachd agus giùlan mi-shuairce, agus bithibh cùramach gu bhi ùmhal do’r pàrantaibh agus do’r maighstiribh. Ma tha bhur còmpanaich olc agus mi-bheusach, theagamh gu’n iarr iad oirbh am mearachdan a chleith le breugaibh innseadh, agus mur dean sibh e bheir iad beum dhuibh, agus their iad ribh luchd innse-tuaileis. Ma dh’éireas duibh a bhi ann an tigh far am bheil seirbhisich, theagamh gu’n oidheirpich iad a thoirt oirbh a shaoilsinn gur ciatach an ni am mearachdan a chleith le breug innseadh. Gun teagamh is neo-fhiachail agus mi-chiatach a thig e bhi do ghnàth air ’ur faicill gu mearachdan fhaotainn a mach, ’s an uair a gheibhear a mach iad, a bhi ro-dheònach air an leigeil ris; ach ’nuair a dh’ fheòraichear dhibh mu ghiùlan dhaoin’ eile, ’s còir dhuibh a bhi ’nur tosd, no an fhirinn shoilleir innseadh umpa. Ma theirear luchd innse-tuaileis ribh air a shon sin, cha’n ’eil àrach air. Bithidh do thoileachadh agaibh a smuaineachadh nach do thoill sibh sin a ràdh ribh; agus gur mor a’s tàire bhi ’g innse’ bhreug na bhi ’nur luchd innse’-sgeòil. A dh’ aon fhocal, ge b’e ni a bhrosnaicheadh sibh gu breug aithris, na géillibh dha. Is comharradh air inntinn mhiuthair agus neo-fhiachail a bhi ’g aithris bhreug. Ged a dheanadh e air uairibh ’ur dion o anagoireas, agus theagamh càileigin do bhuanachd a chosnadh dhuibh, cha b’ fhiach an gnothuch an dragn. ’S éiginn gu’m faighear a mach an ùine ghearr luchd aithris bhreug, agus an sin cha toirear creideas doibh. A thuilleadh air so, tha breugan ’nam màthair-aobhair air ioma droch-bheart eile; tha iad a’ fàgail a’ ghiùlain gu h-iomlan mi-mheasail; agus chuireadh iad fodha sibh mu dheireadh ann am beag toirt agus mi-chliù. Air an làimh eile, thugaibh fa ’near a’ bhuaidh a tha’n lorg a bhi labhairt na firinn; an toileachadh a bheir e do’r n-inntinn fein. Nach taitneach an ni dhuibh a chuimhneachadh nach robh sibh ciontach do ni co mi-chliùiteach ri bhi ’g aithris bhreug? Tha gnùis a bhreugaire ’ga bhrath; tha a shealladh iosal, tha e fo iomaguin; tha sgàth air do shùil a choinneachach [?] air fad a’ leigeil ris co iomaguineach ’s a tha e, agus cia fiosrach ’s a tha e air a chionta. Ach cha ruig an neach a labhras an fhirinn a leas eagal a bhi air; agus tha sòlas air a chridhe a chionn gu bheil e fiosrach air a threibhdhireas. Nach taitneach ma ta an ni meas fhaotainn o chàch? agus ciod a’s luachmhoire na ’n fhirinn? Ciod a’s urramaiche ’s urrainn duinn a ràdh mu ghille no mu nionaig òig, mu dhuine no mu mhnaoi, na ’nuair a their sinn, Is aon so a dh’fheudar a chreidsinn anns gach ni, agus leis nach b’fhiu breug a dheanamh? Tha sibhse fhathast òg, agus theagamh nach h-aithne dhuibh an sòlas agus an t-sochair a tha ’g éiridh o dheagh chliu; ach feudaidh sibh mo chreidsinn, ma bhitheas tre bheannachd Dhé, an stéigh air a suidheachadh gu bhi ionraic agus firinneach ann ur giùlan, trid ’ur cuairt sa’ bheatha so, bithidh aobhar agaibh gàirdeachas a dheanamh, gu’n deachaidh gu tràthail a theagasg dhuibh tàir a dheanamh air a’ bhréig agus gràdh a thoirt do’n fhirinn.—Leabhar nan Cnoc. GLE STOIRMEIL.—Bha da mhinisteir ann am bàta air loch ’san t-seann dùthaich, agus thòisich i ri séideadh gu gailbheach. Chualas fear de na bh’ air bòrd ag ràdh gum bu chòir do na ministearan a dhol a dh’ ùrnuigh. “Gu dearbh cha teid,” arsa fear na stiùire, “faodaidh am fear beag a dhol ann ma thogras e, ach feumaidh am fear mor tòiseachadh air iomaradh. [TD 202] [Vol. 5. No. 27. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. II.—AM MARSANTA AGUS AM FATHACH. Bha marsanta mor ann aon uair aig an robh staid mhath fhearainn, buth mor, agus suim mhor airgid. Bha àireamh mhor de luchd-riaghlaidh agus de sheirbhisich de gach seorsa fo ’laimh. Bha aige ri dhol o àm gu àm air turasan fada, a chum gu faiceadh e cia mar a bha gach aon de ’n luchd-riaghlaidh a bha fo ’laimh a’ deanamh gach gnothaich a bha air earbsadh riutha. Air latha araid b’ fheudar dha ’dhol air astar gle fhada, air cheann gnothaich a bha co cudthromach ’s nach deanadh duine sam bith e ach e fhein. Thug e leis each fodha, agus bha aran is cnomhan aige anns a’ mhaileid a bha ’n crochadh air a dhruim; oir bha aige ri dhol troimh fhasach mor far nach robh greim bidh ri fhaotainn. Rainig e ceann a thuruis gu sabhailte, agus an uair a rinn e gach gnothach a bh’ aige ri dheanamh, rinn e deas air son tilleadh dhachaidh. Air a’ cheathramh latha ’s e air an t-slighe dhachaidh, dh’ fhas an t-side cho teith ’s gu ’m b’ fheudar dha bristeadh bhar an rathaid, agus a dhol a steach do ’n choille a bha dluth dha gus anail a leigeadh, agus fionnachd fhaotainn, gus an cromadh a’ ghrian gu math. An uair a rainig e iomall na coille chunnaic e tobar boidheach aig bonn creige; agus an uair a thainig e bhar an eich ’s a cheangail e an t-srian ri craoibh, shuidh e aig an tobar, agus thoisich e ri itheadh an arain ’s nan cnomhan a bh’ aige ’s a’ mhaileid. Agus mar a bha e ag itheadh nan cnomhan, bha e ’tilgeadh nan sligean air gach taobh dheth. An uair a bha e ullamh dhe ’bhiadh nigh e a lamhan, agus aodann, agus a chasan, agus rinn e urnuigh. Mu ’n robh e ullamh a dh’ urnuigh, chunnaic e fathach mor a’ tighinn dluth dha, agus a cheann geal le aois. Bha claidheamh ruisgte ’na laimh, agus labhair e le guth uamhasach, ag radh,—“Eirich a sin, a chum gu ’n grad mharbh mi thu leis a’ chlaidheamh so, o’n a mharbh thu fhein mo mhac-sa.” An uair a thuirt e so leig e sgriach eagallach as. Chuir a chruth agus a choltas a cheart uiread a dh’ eagal air a’ mharsanta ’s a chuir na bagraidhean uamhasach a rinn e air, agus air dha bhith air chrith le eagal, thuirt e, “Och! mo dheadh thighearna, cha d’ rinn mise ni olc riamh ort, agus c’ar son a tha thu ’g iarraidh mo bheatha ’thoirt air falbh?” “Marbhaidh mise thusa, o’n a mharbh thusa mo mhac-sa,” ars’ am fathach. “Gu sealladh ni math ort,” ars’ am marsanta, “cia mar a b’ urrainn mise do mhac a mharbhadh? Cha’n fhaca mise riamh e, agus cha mho na sin a chunnaic esan mise.” “Nach do shuidh thu ann an so an uair a thainig thu?” ars’ am fathach. “Nach robh thu ’g itheadh chnomhan, agus an uair a bha thu ’g an itheadh, nach robh thu ’tilgeadh nan sligean air gach taobh dhiot?” “Tha mi ag aideachadh gu ’n d’ rinn mi a h-uile dad a tha thu ’g radh,” ars’ am marsanta. “Ma tha sin fior,” ars’ am fathach ’s e ’freagairt, “tha mise ag innseadh dhut gu ’n do mharbh thu mo mhac. Agus so mar a mharbh thu e: an uair a thilg thu sligean nan cnomhan uat, bha mo mhac a’ dol seachad; bhuail thu te dhiubh air anns an t-suil, agus mharbh thu e. Air an aobhar sin marbhaidh mise thusa.” “Ah! mo thighearna, thoir mathanas dhomh,” ars’ am marsanta. “Cha ’n fhaigh thu mathanas no trocair uamsa. Nach eil e ceart gu leor duine a mharbhadh, ma mharbh e-fhein duine eile?” ars’ am fathach. “Tha mi ’cur m’ aonta ris a sin,” ars’ am marsanta; “ach gu cinnteach ceart, cha do mharbh mise do mhac riamh: agus ged a thachradh dhomh a mharbhadh, cha b’ ann d’ am dheoin; air an aobhar sin, tha mi ’guidhe ort thoir mathanas dhomh, agus leig mo bheatha leam.” “Cha leig, is mi nach leig,” ars’ am fathach. Feumaidh mi do mharbhadh, o’n a mharbh thu fhein mo mhac-sa.” An uair a thuirt e so, rug e air a’ mharsanta ’n a chroig, agus thilg e air a bheul ’s air a shroin air an talamh e, agus thog e an claidheamh gus ag ceann a chur dheth. Thoisich am marsanta ri sileadh nan deur ’s ri fasgadh nan dorn. Bha e sior radha gu robh e neo-chiontach, agus bha e ’guidhe le uile dhurachd air an fhathach a bheatha leigeadh leis air sgath na mna ’s na cloinne. Bha am fathach ag eisdeachd ris gle fhoighidneach, ach aig a’ cheart àm bha a lamh an togail gus an ceann a sgudadh dheth leis a’ chlaidheamh. Mu dheireadh thuirt e ris, “Cha ’n ’eil stath sam bith ’nad chuid caoidh is ochanaich; ged a thuiteadh na suilean asad a’ caoineadh, cha chum sin mise gu ’n do mharbhadh, o’n a mharbh thu fhein mo mhac-sa.” “Am bheil ni sam bith idir air an t-saoghal a bheir ort do run atharrachadh? Am bheil thu suidhichte as is as air beatha duine bhochd neo-chiontaich a thoirt air falbh?” ars’ am marsanta. “Tha mi lan-shuidhichte air,” ars’ am fathach. An uair a chunnaic am marsanta gu robh am fathach a’ dol ’ga ghrad mharbhadh, ghlaodh e aird a chlaiginn, agus thuirt e ris, “Air sgath neimh, cum air ais do lamh! Leig dhomh aon fhacal a radh. Bi cho math ’s gu ’n dean thu beagan foighidinn rium. Leig dhomh a bhith beo beagan uine gus an gabh mi mo chead de m’ mhnaoi ’s de m’ phaisdean, agus gus an dean mi mo thiomnadh, a chum gu fag mi mo chuid de ’n t-saoghal aca. Cha bu mhath leam gu rachadh iad gu lagh mu ’n dileab an deigh mo bhais. An uair a chuireas mi gach ni a bhuineas dhomh ann an ordugh cho math ’s is math leam, thig mi air ais do ’n cheart aite so, agus faodaidh tu an uair sin an rud a thogras tu a dheanamh rium.” “Ach ged a bheirinn dhut an uine a tha thu ag iarraidh, is docha nach till thu air ais gu brath tuilleadh,” ars am fathach. “Ma chreideas tu mo mhionnan, bheir mise mo mhionnan air neamh ’s air an talamh, gu ’n tig mi air m’ ais ’s gu ’n coinnich mi thu ann an so,” ars’ am marsanta. “Ciod an uine a tha thu ’g iarraidh, ma ta,” ars’ am fathach. “Tha mi ag iarraidh bliadhna,” ars’ am marsanta. “Cha ’n urrainn domh mo ghnothaichean a chur an ordugh gu ceart, agus mi fhein a dheasachadh air son a’ bhais ann an uine ni ’s lugha. Ach tha mi ’gealltainn dhutsa, gu ’n tig mi air m’ ais an so bliadhna o ’n diugh.” “Am bheil thu ’gabhail neimh mar fhianuis gu ’n cum thu ri d’ ghealladh?” ars’ am fathach. “Tha, agus tha mi ’boideachadh gu ’n dean mi mar a tha mi ’gealltainn. Faodaidh tusa mo bhoidean a ghabhail,” ars’ am marsanta. An uair a chual’ am fathach so, chaidh e as an t-sealladh, agus dh’ fhag e am marsanta aig an tobar. Bha ’n cridhe air chrith aig a’ mharsanta fhad ’s a bha am fathach a’ bagradh a bheatha ’thoirt dheth; ach cha bu luaithe a chaidh am fathach as an t-sealladh na ghabh e misneach, agus gun dail sam bith leum e air muin an eich, agus thug e ’aghaidh air an taigh. Ged a bha e toilichte gu ’n d’ fhuair e á lamhan an fhathaich, gidheadh bha bron is cradh air a chridhe an uair a smaoinicheadh e air na boidean a thug e. An uair a rainig e dhachaidh ghabh a bhean ’s a chlann ris le mor-ghairdeachas. Ach an aite bhith aoibhneach an uair a chunnaic e iad, is ann a thoisich e ri gul gu goirt. An uair a chunnaic iad an staid mhuladach anns an robh e, dh’ aithnich iad gu ’n d’ thainig mi-fhortan mor air choireiginn ’n a rathad air a thurus. Dh’ fheoraich a bhean dheth c’ar son a bha e cho mor fo bhron ’s fo lionn-dubh. “Bha sinn uile ro aoibhneach an uair a thainig thu,” ars’ ise, “ach tha sinn a nis fo eagal mor mu d’ dheidhinn. Innis dhuinn, guidheam ort, aobhar do bhroin.” “Och, mo leireadh! a bhean ’s a chlann mo ghaoil,” ars’ esan, “is mor aobhar mo bhroin. Cha ’n ’eil de shaoghal agam ach aon bhliadhna eile.” An sin dh’ innis e dhaibh mar a bh’ eadar e-fhein ’s am fathach, agus mar a thug e a mhionnan gu ’n tilleadh e air ais an ceann na bliadhna gu bhith air a chur gu bas. An uair a chual’ iad so bhuail iad uile na basan ’s thoisich iad ri gul ’s ri caoidh gu muladach. Bha glaodh na mna os cionn glaodh chaich. Thoisich i air spionadh na gruaige aisde fhein. Bha ’n aon ghlaodh ann an ceann gach aon de ’n chloinn. Cha b’ urrainn am marsanta cumail air fhein ni b’ fhaide, an uair a chunnaic e an staid anns an robh a bhean ’s a chlann. Cha b’ urrainn [TD 203] [Vol. 5. No. 27. p. 3] teaghlach a bhith nì bu bhronaiche na bha iad air an fheasgar ud. An la’r-na-mhaireach chuir am marsanta mu dheidhinn gach ni a bhuineadh dha a chur ann an ordugh. Phaigh e a h-uile sgillinn fhiach a bh’ air. Thug e airgiod is nithean luachmhor eile do gach aon de ’chairdean. Thug e suim mhath airgid do na bochdan. Roinn e a chuid de ’n t-saoghal gu cothromach, eadar a bhean ’s a chlann; agus chuir e airgiod na cloinne a b’ oige ann an lamhan luchd-riaghlaidh, a chum gu faiceadh iad ceartas aca. A dh’ aon fhacal, chuir e gach ni a bhuineadh dha ann an ordugh cho math ’s a ghabhadh deanamh. Mu dheireadh thainig deireadh na bliadhna, agus b’ eiginn da falbh a choinneachadh an fhathaich mar a gheall e. Chuir e an leine-bhais anns a’ mhaileid; agus rinn e gach deisealachd eile a bha feumail dha air son a thuruis. Ach ma bha bron is caoidh anns an teaghlach an latha a thainig e, is ann a bha ’m bron ’s a’ chaoidh ann an uair a bha e ’gabhail a chead de ’n mhnaoi ’s de ’n chloinn, agus gun duil sam bith aca taobh air thaobh gu faiceadh iad a cheile gu brath tuilleadh anns an t-saoghal so. Bha iad cho fad an aghaidh dealachadh ris ’s gur ann a bha iad a’ cur rompa gu leanadh iad e, eadhon gu’m bas. Ach an uair a thainig an t àm dha dealachadh riutha, thuirt e, “A bhean, agus a chlann, mo ghaoil, tha mise ’toirt umhlachd do dh’ ordugh neimh an uair a tha mi ’dealachadh ruibh an diugh. Leanaibh an t-eisimpleir a tha mi ’cur romhaibh. Le deadh mhisnich cuiribh suas leis gach eiginn is trioblaid a thig ’nur rathad, agus thugaibh fanear gu bheil e air orduchadh do na h-uile dhaoine am bas fhulang.” An uair a thuirt e so, dh’ fhalbh e, as an sealladh ’s as an eisdeachd. Rainig e an t-aite anns an do gheall e am fathach a choinneachadh air a’ cheart latha ’gheall e. Thainig e bhar an eich, agus shuidh e aig an tobar gus an tigeadh am fathach; agus mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, bha e ann an suidheachadh cho bronach ’s a b’ urrainn duine a bhith. An uair a bha e gu muladach a feitheamh gus an tigeadh am fathach, chunnaic e seann duine liath, air an robh fior choltas siobhalta, a’ tighinn an rathad a bha e, agus eilid aige air rop. An deis dhaibh failte a chur air a cheile, thuirt an seann duine ris, “A bhrathair, am faod mi ’fheorach dhiot, c’ar son a thainig thu do ’n aite fhasail, iomallach so? Tha ’n t-aite so lan de dhroch spioradan, agus cha ’n ’eil e sabhailte dhut a bhith ann. Shaoileadh duine le sealltainn air na craobhan so gur aite e anns am bheil daoine a’ gabhail comhnuidh; ach is e th’ ann fasach anns nach ’eil e sabhailte do dhuine sam bith fuireach fada.” Dh’ innis am marsanta dha a h-uile ni mu ’n aobhar air son an robh e anns an aite ud. Dh’ eisd an seann duine ris le mor-ioghnadh, agus an uair a chuir e crioch air na bh’ aige ri radh, thuirt an seann duine ris, “Is e so ni a’s mo a chuir a dh’ ioghnadh orm a chuala mi riamh. Tha thu gle cheart seasamh ris na mionnan a thug thu do ’n fhathach. Ach fanaidh mise maille riut gus am faic mi cia mar a theid dhut.” Shuidh e ri taobh a’ mharsanta, agus thoisich iad ri comhradh. Am feadh a bha iad a’ comhradh, chunnaic iad seann duine liath a’ tighinn an rathad a bha iad, agus da chu dhubh aige. An uair a chuir a failte orra dh’ fheoraich e dhiubh ciod a bha iad a’ deanamh anns an aite ud. Dh’ innis an seann duine aig an robh an eilid dha a h-uile ni mar a bha eadar am marsanta agus am fathach. An uair a chual’ e mar a bha, thuirt e, gu ’m fanadh e mar an ceudna, gus am faiceadh e cia mar a dh’ eireadh do ’n mharsanta. Agus shuidh e comhladh riutha aig an tobar. Mu ’n gann a shuidh e chunnaic iad an treas seann duine liath a’ tighinn an rathad a bha iad, agus e h-uile buille a cheart cho coir ’s cho siobhalta ann an coltas ris an dithis eile. Cha bu luaithe a thainig e far an robh iad na dh’ fheoraich e dhiubh, c’ar son a bha am marsanta fo bhron ’s fo lionn-dubh. An uair a dh’ innis iad dha mar a bh’ eadar am marsanta ’s am fathach, ghabh e ioghnadh mor, agus thuirt e, gu ’m fanadh e gus am faiceadh e cia mar a dh’ eireadh do ’n mharsanta. Shuidh e aig an tobar mar a rinn an dithis eile. An ceann beagan uine chunnaic iad meall ceo a’ tighinn dluth dhaibh ’s e ’dol mu ’n cuairt mar gu ’m biodh e air a ghiulan le ioma-ghaoith. Ann an tiotadh chaidh an ceo as an t-sealladh, agus bha am fathach ’n a sheasamh air am beulaobh. Bha claidheamh ruisgte ’na laimh. Rug e air ghualainn air a’ mharsanta, agus thuirt e, “Eirich gu grad ’s gu marbhainn thu, o’n a mharbh thu fhein mo mhac-sa.” Ghabh am marsanta ’s an triuir sheann daoine a leithid a dh’ eagal ’s gu ’n do thoisich iad ri gul ’s ri caoidh gu goirt. Ach an uair a chunnaic an seann duine aig an robh an eilid gu robh am fathach a’ dol a ghrad mharbhadh a’ mharsanta, thilg e e-fhein aig a chasan, agus thuirt e, “A Phrionnsa nam fathach, guidheam ort, dean de dh’ fhabhar gu ’n eisd thu rium car tiotaidh. Innsidh mi dhut eachdraidh mo bheatha, agus eachdraidh na h-eilid so a th’ agam air an rop; agus ma shaoileas tu gu bheil i ni ’s iongantaiche na eachdraidh a’ mharsanta a tha thu ’dol a mharbhadh, tha mi ’n dochas gu ’n toir thu mathanas do ’n duine thruagh anns an treas cuid de ’n olc a rinn e.” Smaoinich am fathach air a’ chuis car uine, agus mu dheireadh thuirt e, “Tha mi ag aontachadh leat.” Tha duine saoibhir ann an ceann a deas Africa ag aideachadh gu saor nach fiach e ri pòsadh ri bheò, agus ’s e ’n reusan a th’ aige air sin gu bheil e cho gnàda ’s gu bheil e cinnteach nach gabhadh té sam bith gnothuch ris mur biidh a chuid airgeid. Gaidheil Ghlascho. CEILIDH COMUNN GAIDHLIG NA SGOILE. Bha tigh na Ceilidh làn gus an dorus air feasgar Dhi-Sathuirne so chaidh (Dec. 5). Bha an Ceann-suidhe, Mr. Donnachadh Mac-illeruaidh, anns a chathair. B’e Mr. Iain A. MacNeacail, ministeir Chillemhealart a b’ òraidiche. Roghnaich am fear-labhairt mar chuspair “Géiread agus gliocas nan Seanfhacal.” Thubhairt e gun robh na sean-fhacail a taisbeanadh dhuinn mòr-ghliocas na muinntir sin a dhealbh iad; agus ma’s miann leinn a bhi ’rannsachadh cor nan Gàidheal ’us na Gàidhealtachd anns na linntean a dh’ fhalbh nach urrainn dhuinn na’s fearr a dheanamh n a bhi a beachdachadh air na sean-fhacail, agus ma ni sinn so gu’m faigh sinn luach ar saothair. Thugadh taing do Mr. MacNeacail airson na h-òraid thaitneach a thug e seachad. Mu’n do sgaoil a chuideachd, dh’ ainmich fear-na-cathrach gu ’n robh leabhar-lann na Céilidh a nis fosgailte, gu’n cuirteadh air chuairt na leabhraichean air an ath Dhi-Sathuirne. Air Di-Sathuirne so tighinn an dara là deug de’n mhios so gheibhear òraid Ghàidhlig air “Bride” bho an bhean-uasal E. Nic-illemhicheil á Dùn-Eideann. CEILIDH NAN GAIDHEAL Choinnich a’ Chéilidh ann an 7mh seomar Talla na h-Aithne (“Athensæum”) aig an uair àbhaisteach (7.30) air Di-Sathuirne seo ’chaidh. Bha làn chuideachd ann. B’ e Murchadh Màrtuinn fear na cathrach. Thug an Urr. Iain Mac Caluim òraid air Seann Chleachdaidhean Gàidhealach. Thug e fa-near Cleachdaidhean (1) an àm cogaidh, (2) an àm pòsaidh, agus (3) an àm tiodhlacaidh. 1.—Bheachdaidh e nach b’ urrainn cogadh bhi air a ghairm anns a’ Ghàidhealtachd o shean, ach le aont mòr-chuid an t-sluaigh, agus gu’m b’ e ’n crann-tarra a bh’ air a chur a mach airson tionail an t-sluaigh gu cath. 2.—Gum b’ e comharradh sònruichte na bainnse o shean gu’n robh na coimhearsnaich uile air an gairm, ’s gu’n robh a’ bhanais air a cumail an àird ri seachdain. 3.—Gum b’ e na gnàthan sonruichte bhatar a coimhead aig àm bàis, gu’n robhtar a’ bròn, agus a dannsa, ri gail agus ri caoidh uair mu seach aig a chaithris; agus gu’n robh an tiodhlacadh air a chomharrachadh le ’bhi a’ seinn shalm agus ag òl uisge-beatha—agus gu leòr dheth. Lean deasbaireachd air an òraid mar is gnàth. Fhuair an t-òradaiche làn taing chridheil bho ’n chuideachd. Chaidh cach de ’n fheasgar a chur seachad gu sunntach le ceòl agus òrain. Bheir Nial Ros òraid do ’n Chéilidh air an fheasgar so (Di-Sathuirne). ’S e a’ chuspair a bhitheas aige, An Dòigh a’s fhearr air son cumail suas na Gaidhlig. BLAR COGAIDH. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. [TD 204] [Vol. 5. No. 27. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, IANUARAIDH 9. 1897. Thug sinn inmradh roimhe so air sgeul a thainig á Cuba ag innse gu robh Maceo, ceannard nan ceannairceach, marbh, agus gur ann le foill a chuireadh gu bàs e. Air an t-seachdain so thàinig sgeul gu bheil e beò fhathast; gu’n d’ thug a chàirdean leotha a chorp marbh mar a shaoil iad, agus an deigh dhaibh an campa ruigheachd gu’n d’ fhuair iad gu robh an anail ann. Faodar a bhi cinnteach gu’n d’ fhuair e deagh aire uapa, agus tha e nise beò gun teagamh sam bith, ged nach eil e fhathast, ’s nach bi a cheud-treis, comasach air dad a dheanamh as leth a dhùthcha. Thatar ag radh gu bheil na Cubaich a cur rompa cho luath ’sa bhios e làidir gu leòr, a chur air chuairt do na Stàitean a chum gu’m bi fhios aig an t-saoghal gu bheil e beò. Tha a cheannairc a’ dol air adhart. Tha Weyler ag ràdh gu’n cuir e crioch oirre an ùine ghoirid, ach tha ’n duan sin ’na bheul cho tric ’s nach mor a chreideas e. ’Se ’s docha gu ’n teid i air adhart gus an bi Cuba saor. Cha’n eil cùisean ach car an-shocrach anns an Roinn-Eòrpa. Ged nach cluinnear a bheag an drasda mu chogadh, gidheadh cha ’n eil e ro choltach gu bheil an t-sith air aire cuid de na rioghachdan. Tha sinn a leughadh an dràsda ’sa rithist gu bheil an Fhraing no a’ Ghearmailt no Ruisia ’ga neartachadh féin agus a’ cur gu mor ri àireamh a h-armailtean. Cha’n eil ni a cumail nan rioghachdan mora o bhi gabhail mu chùl an Turcaich ach cho fior an-earbrach ’sa tha iad as a chéile. Tha fhios againn gu robh moran d’ ar leughadairean a’ fuireach air ais o phàigheadh gus an tigeadh a Bhliadhn’ Ur. Tha sinn an dòchas nach cuir iad sin an còrr dàil anns a’ chùis ach gu’n cuir iad air adhart e gu’n dàil. Far am bi dàil bidh dearmad, agus tha eagal oirnn ma chuireas iad an tuilleadh dàil ann am pàigheadh MHIC-TALLA, gu’n dean iad dearmad air gu buileach. Ma chluinneas tu duine sam bith—Gàidheal no Gall—ag radh gu bheil a Ghàilig a’ dol bàs, cha’n eil ann ach duin’ aineolach aig nach eil fhios ciod a tha ’n saoghal a’ deanamh. Da fhichead no leth cheud bliadhna roimhe so, bhiodh tomhas de’n fhirinn aig duine a theireadh a leithid. Anns an àm sin bha Gàidheal aig am biodh Beurla ’ga mheas fhéin na sheòrsa de dhuin-uasal, agus cha leigeadh e le ’chloinn facal de chainnt an dùthcha a labhairt; cha robhtar ’ga meas ach gann mar chainnt idir. Ach an diugh tha car eile anns a chùis; Gàidheal no mac Gàidheil aig nach eil Gàilig, no aig am bheil i ’s nach labhair i, nithear tàir air eadhon leis na Goill. Tha iadsan a bhiodh a deanamh tàire air a Ghàilig air a dhol as an fhasan. Tha an t-Urr. Domhull L. Domhnullach, sagart Sandy Point, Newfoundland—a cheud fhear-gabhail a bh’ aig a MHAC-TALLA air an eilean sin riamh—ann an litir a sgriobh e ugainn o chionn ghoirid ag radh gu bheil air taobh siar Newfoundland, far am bheil e-fhéin a’ saoithreachadh, taosg mor de Ghàidheil. Chaidh iad a null ann air tùs á Ceap Breatuinn, agus tha ar caraid Urramach ag radh gu bheil an cuid Gàidhlig,—eadhon aig oghachan nan daoine ’shuidhich ann an toiseach—a cheart cho glan ’sa tha i n àite sam bith air an eilean so fhein. A Columbia Bhreatunnach. FHIR-DHEASACHAIDH:—Faigh anns an litir so dolar airson bliadhna eile dhe na MHAC-TALLA agus 35c a dh’ iarraidh an leabhair, “Na Bàird Ghàidhealach.” Cha’n eil fios agam cuin a bha ’n ùine mach air son na phàigh mi, ach ’s fhearr an dolar anmoch na gun e g’ad ruigheachd idir. Cha’n eil mi a faighinn paipeir a tha mi cho toilichte dheth ris a MHAC-TALLA- Tha atharrachadh mor air tighinn air ann am meudachd agus ann an grinneas bho na thòisich mi air fhaighinn an toiseach. Tha moran anns an àite so a thainig á Ceap Breatuinn agus gu àraidh á Hogomah an t-àit anns na rugadh agus na thogadh mi, (ann an Roseburn), agus feadhainn dhiu a leubhas Gailig gle mhath ged nach aithne dhomh gu bheil a h-aon dhiubh a faighinn MHIC-TALLA. Thainig an geamhradh gle thràth oirnn an so; tha sneachda gu leòr againn air son deagh rathad sleighe o chionn deich no dusan latha agus tha an t-side gle fhuar air son na dùthcha so. Ach mar a’s mo am fuachd ’sann a’s fhearr a bhios an obair anns na mèinnean guail; cha’n eil moran de dh’ obair eile dol air aghart ann an so. Tha sinn a cluinntinn moran fuaim mu na bheil do mhèinnean òir anns an dùthaich so. Cha ’n eil a reir coltais teagamh sam bith nach eil feadhainn dhiubh gle bheairteach ged is cinnteach sinn nach eil iad a leth co math ’s a tha ’san ainm. ’S fheudar dhomh a nise sgur. Na’m bithinn a’m sgoilair Gàilig ’s mi nach bitheadh leisg air sgriobhadh ugad. Is mi do charaid dileas a tha guidhe dhuibh uile Nollaig Chridheil agus Bliadhna mhath ùr. DOMHNULL MACNEACAIL. Wellington, B. C. STOR UR TAILLEARACHD. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair, MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 205] [Vol. 5. No. 27. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bhrist fear Aonghas Mac Aonghais a chas ann am Port Morien, a sheachdain gus a bhòn-de, le cnap de ghual a thuiteam air. Tha sàcramaid na suipeir ri bhi air frithealadh ann an Eaglais St. Andrew’s am màireach. Bha na seirbheisean àbhaisteach anns an eaglais ré na seachdain. Tha muinntir Vancouver air an clisgeadh romh bhruidheann de robairean a tha anns a’ bhaile, agus a tha toirt air daoine an cuid airgeid a liubhairt dhaibh air a mheadhon latha. Ma’s fior an sgeul, tha ceannardan an airm ann a Halifacs ag radh gu bheil an Riaghladh Breatunnach, an ùine gun bhi fada, ’dol a thogail daingneachdan làidir ann an Louisburg. Chaidh duin’ òg d’ am b’ ainm Pàdruig Dùghlach a mharbhadh ann am mèinn Victoria ’sa mhaduinn Di-luain s’a chaidh. Chaidh a bhualadh le té dhe na tubaichean, agus bha e marbh air ball. Cha robh e ach naodh bliadhn’ deug a dh’ aois. Chuir an t-Onarach Deòrsa Murray, Priomhair Nobha Scotia, an Nollaig ’s a Bliadhn’ Ur seachad aig a dhachaidh ann an Sidni Tuath. Thug e sgriob do Bhaddeck ré na h-ùine sin, agus bha e uair no dha ann an Sidni. Chaidh e air ais do Halifacs Di-mairt. Bha uisge trom ann fad dha no tri lathaichean air an t-seachdain so. Thug e air falbh an sneachda gu buileach, agus bha na ròidean anabarrach dona. Bho oidhche Dhi-ciaduin, bha reothadh ann, agus tha ’n talamh a nise cruaidh, tioram, ach cha ’n eil dad a choltas sneachd air an t-side. Fhuair an t-Urr. Ruairidh Mac Aonghais, sagart na Meinn Uire, sporan anns an robh ceud dolair de dh’ òr mar ghibht bho òigridh a pharaiste latha na Bliadhn’ Uire. Tha so a’ nochdadh gu bheil Maighstir Mac Aonghas gle mheasail aig an t-sluagh am measg am bheil e ’soithreachadh. Chaidh dotair Frangach a dh’ fhuireach ann an Algeria, agus an deigh dha bhi ann àireamh bhliadhnaichean, thionndaidh e ’na Mhahomedanach. Thill e do ’n Fhraing, agus an la roimhe chaidh a thaghadh gu bhi na fhear-pàrlamaid—a cheud fhear de chreud Mhahomed a fhuair do phàrlamaid na Frainge riamh. Chaidh drochad mhor a thogail thairis air an amhuinn Danube air a bhliadhna s’a dh’ fhalbh, air son an t-slighe eadar Lunnainn us Constantinople a dheanamh na ’s giorra. Tha i naodh mile dh’ fhad, agus ’si drochaid rathaid-iaruinn a’s fhaide th’ air an t-saoghal. ’S ainmeil an drochaid a tha thairis air an amhuinn Tay an Alba, ach tha i so mile troigh na ’s fhaide na i. Tha còrr us deich bailtean fichead ann an Ontario anns am bheil an curfew mar lagh: tha clag air a bhualadh aig àm àraidh gach oidhche, agus an uair sin, tha aca-san uile tha fo aois chòig no shia bliadhn’ deug ris na taighean a thoirt orra. ’S aithne dhuinn baile no dha anns an cuirte feum air a leithid sid de lagh, agus cha ’n eil teagamh nach bi e aca mu’n ruith moran bhliadhnaichean. Chaochail boirionnach ann an River John, an siorrachd Phictou, o chionn ghoirid, a bha ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’ aois, agus a bha ann an seadh, air a fàgail leatha fhéin o chionn aireamh bhliadhnaichean. Shiubhail a bràithrean ’sa peathraichean, a fear pòsdr, agus a h-uile h-aon de ’cloinn roimhpe; ach a dh’aindeoin sin, bha i gu deireadh a làithean striochte ri crannchur, agus eadhon toilichte ’na h-inntinn. Bha i pòsda aig fear Deòrsa Gordon, a chriochnaich a thurus àireamh mhor bhliadhnaichean roimhpe. Tha moran de bhuinn airgeid a’ dol mu ’n cuairt anns an duthaich so a tha air am milleadh le bhi air an gearradh no air an tolladh. Cha ’n eil buinn a tha mar sin ’nan airgead laghail, agus duine sam bith a gheibhear ciontach de bhi milleadh airgeid air an dòigh sin, faodar a phriosanachadh. Thainig a chùirt a bh’ ann am Boston a feuchainn nan daoine air an robh amhrus a thaobh a mhoirt a rinneadh air bòrd an t-soithich Herbert Fuller, gu crich air an t-seachdain so, agus fhuaireadh am meat Bram ciontach. Cha robh an jury uile gu léir aon-ghuthach mu’n chàs agus tha e coltach gu’m feumar fheuchainn fhathast. Tha na daoine ’s eòlaiche air staid Armenia ag radh nach lugha na leth-cheud mile duine cloinne a bha air am fàgail ’nan dilleachdain le lamh nan Turcach air a bhliadhna so dh’ fhalbh. Iarrar fuil pàrantan na cloinne sin orra-san a cheadaich do ’n t-Sultan a dhol air adhart a’ sgrios nan neo-chiontach gun bhacadh sam bith a chur air. Iadsan a Phaigh. Padruig Mac Fhionghain, New Canada. $2.00. Domhnull Mac Fhearghais, Caribou Marsh. Alasdair N. Domhnullach, Port Morien. M. R. Mac Neill, Benacadie Pond. Iain Mac-a-Phi, Seana Bhridgeport. Ailein D. Mac Eachairn Sidni. 50c. Domhnull Mac Cuthais, Bridgeport. Coinneach Mac-an-Toisich, Bai ’n Iar. Aonghas Mac Ritchie, Baile nan Gall. Bean Raonuil Dhomhnullaich, M. B. Road. Somhairle Mac Neacail, an Amhuinn Mheadhonach. Cailein Caimbeul, an Amhuinn Mheadhonach. An t-Urr L, I, Mac-a-Phearsain, D’Escousse. An t-Urr Uilleam Calder, Marion Bridge. $3.00. A. B. Domhnullach, Meat Cove. Eobhan Mac Fhionghain, Rosedale. Iain Mac-a-Bhiocair, Catalone. R. Mac Citheagain, Gut Chatalone. Mor A. Nic-Gilleain, Loch Ainslie. Mor Nic-an-Toisich, Orangedale. Domhnull Mac-Gill-Fhinnein, Boulardarie. Somhairle Mac Gilleain, St. Esperit. Calum Mac Fhearghais, St. Esperit Ruairidh Mac Gilleain, St. Esperit Seumas R, Dùghlach, Grand Mira, 50c. Mairi Cheanadach, Alba, 50c. Eachunn Mac Neill, South Bar, 50c. Donnacha I, Gillios, Hawthorne, 25c. Ceit I. Nic Neill, cùl Iona, 25c. A. I. Moireastan, Joggins Mines, 25c. Calum Gillios, Blue’s Mills. An t-Oilear A. G. Domhnullach, Truro, N. S. Domhnull Domhnullach, Ashdale, N. S. Seumas Mac Rath, Marshy Hope, N. S. Frank Anderson, Niagara Falls, Ont. Bean Iain Mc ’Ille-Mhaoil, Gleann Sandfield, Ont. D. I. Friseal, Vankleek Hill, Ont. A. J. Mac Dhiarmaid, Ottawa, Ont. D. Mac Cuthaig, Ottawa, Ont. Tigh nan Cumantach, Ottawa, Ont. Seumas Mac Gille-Mhaoil, South Finch, Ont. Aonghas Mac Fhearghais, Port Hammond, B. C. Domhnull Mac Neacail, Wellington, B. C. Domhnull Mac Fhionghain, Earlswood, N. W. T. Seumas N. Mac Fhionghain, Moosomin, N. W. T. Seumas Gillios, Gagetown, Mich. Am Breitheamh Domhnullach, Calumet, Mich. Griogar Mac Fhionghain, Arthur, N. Dakota. Nial Shà, Rosebury, Manitoba. An t-Urr. D. L. Domhnullach, Sandy Point, Nfld. Andra Mac Gille-chriosd, Burnbank, Alba. BAS. Aig 286 Sraid Anna, Ottawa, Ontario, air an 17mh la de Dhesember, 1896, Donnachadh Eoghainn Christie Mac Diarmaid, treas mac Aonghais Mhic Diarmaid, 26 bliadhna agus 5 miosan a dh’ aois. Chaidh a chorp a thoirt air a’ charbad-iaruinn gu Maxviile, ’s as a sin gus an Amhuinn a Tuath teann air Baile-Mhartuinn faa an deach a thiodhlacadh. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 206] [Vol. 5. No. 27. p. 6] Alba ’san Naodhamh Linn Deug. ’An déigh bàis Challuim thug a bhràthair, Dòmhull Bàn, tàmhadh air a’ chrùn. Agus feudar beachd a thogail air an staid ’s an robh an rioghachd o’n cheud Achd a rinn an rìgh ùr. B’ e sin na h-uil’ eilthireach no neach nach buineadh do ’n rioghachd g’ a grad fhàgail. Tha so a’ cur ni éigin de sholus air mar a bha àrd uaislean na rioghachd air am brosnachadh leis an struidhealachd a bha Callum Ceann-mòr a’ gnàthachadh ann a bhi ’buileachadh fearann Alba air na deirleanaibh a thàinig á Sasunn an déìgh ban-righ Mairearait. Roinn Uilleam am Buadhair fearann Shasuinn ’na thrì fichead mìl’ earrann, ’s bhuilich e ’m fearann a réir na h-oifig a bh’ aca ’s an arm. Cha robh e ’foighneachd cò aig an robh còir air roimhe sud, no aig nach robh. Ghabh e sealbh air an rioghachd mar a dheanadh fear-reubainn air tigh a ghlac e. Rinn e tràillean de ’n chuid mhòr de shluagh na tìre, a bha na h-oifigich ud a’ reiceadh ’s a’ ceannach maille ris an fhearann, mar gu ’m bu stoc spréidh iad. Agus a’ chuid de nach d’ rinn e tràillean bha iad ’an daorsa le seirbhis chruaidh. Dh’ fheumadh iad a bhi ’n ceann gach seirbhis bu chruaidhe, ’s bu tàireile na chéile. Rinn am Buadhair Normanach sin air son an rioghachd a dheanamh cinnteach dha féin ’s da shliochd. B’ e ’n cumha air an d’ fhuair na h-oifigich ud am fearann, gu ’m biodh iad fein ’s na bha de shluagh air an fhearann ullamh gu éiridh a mach a chogadh leis an rìgh uair sam bith a thogradh e fios a chur orra. Bha na h-àrd oifigich ud a’ toirt an fhearainn do oifigich bheaga fodhpa féin air a’ chumha cheudna. Bha mar so an sluagh uile ceangailte mar shaighdearaibh aig na Normanach. Rinn esan sud gu glic ’na ghinealach féin, ach gu h-ain-tighearnail ’s gu fòirneartach, ged a ghiùlaineadh leis car ùine. Agus feumar a bhi ’g aithris droch ghnìomharan an uile-bheist ud ’an eachdraidh Alba air son da aobhair. An toiseach, a chionn gu’n d’ fhuadaich sud mòran de àrd-uaislean Shasuinn a mach as an rioghachd. Rinneadh orra féin a nis mar a rinn an aithrichean air seann luchd-àiteachaidh na tìre. Agus a rìs, a chionn gu ’n d’ rinn rìghrean eile na Roinn-Eòrpa, ’s rìgh Alba mar aon diubh, an dearbh ni so ri fearann ’us sluagh nan dùthchanna aca’ féin fa leth. Agus mhair an rian so ré cheudan bliadhna an Alba mar ’an tìribh eile. Agus dh’ fheudta iomadh eisimpleir mar dhearbhadh air sin ainmeachadh ’an eachdraidh Alba. Nis an uair a fhuair agus a ghabh an creachadair Normanach an cothrom ud air Sasunn, bha na daoin’-uaisle o’n robh e ’toirt an cuid fearainn a’ tighinn ’n an sruth a nail do Alba, le’n làmhaibh mu ’n ceann gu ’n gearan a dheanamh ri ban-righ Mairearat. Dh’ iarradh is’ air an rìgh, ’s bheireadh esan do na h-eilthirich stiallag mhaith fhearainn an so ’s an sud air feadh Alba, air a’ chumh’ ud mu ’n robh sinn a’ labhairt. Agus ’s ann do na teaghlaichibh ud a bhuineas roinn mhaith de Mhorairean ’s de Ridirean Galltachd Alba gus an là ’n diugh. Agus o nach robh pàrlamaid anns na h-amaibh ud bha cothrom aig an rìgh a thoil féin a dheanamh fhad ’s bu bheò e. Feudar a bhi cinnteach ma ta, nach bu ni taitneach le seann luchd-fearainn na Galltachd a bhi faicinn nan Sgaothach ud a’ dòmhlachadh a steach air gach làimh dhiubh. ’S gun teagamh bha Domhull Bàn a’ tuigsinn sin an àm dha bhi deanamh air son leum a thoirt do’n righ-chaithir. Ach o nach do sheas an rioghachd air a thaobh, agus gur coslaiche nach robh iad idir air a shon, bha na tighearnan Sasunnach a bh’ air ùr-theachd do ’n tìr ro chruaidh air a shon, ’s dh’ éirich iad ’na aghaidh. Agus le ’n comhnadh-san fhuair Donnachadh, mac bu shine an righ mu dheireadh, agus a bha ’s an àm sin na oifigeach ’s an arm Shasunnach, sealbh air an righ-chaithir. Ach cha b’ fhad a mheal e’n onair sin. Chaidh a mharbhadh beagan mhìosan an déigh sin, mar tha cuid ag ràdh, le brathadair a chuir Domhull Bàn uaithe. ’S e ’s coslaiche gu ’m bu mhac diolain Donnachadh, oir tha e glé dhuilich a dheanamh a mach gu’n robh Callum Ceann-mòr pòsda da uair. Fhuair Domhull Bàn an crùn mu ’cheann aon uair eile an déigh bàis Dhonnachaidh. Ach mu ’n cuairt do dha bhliadhn’ an déigh sin chuir Edgar, am mac bu shine ’bha làthair de ’n t-sliochd rioghail, dheth’n chaithir e, chuireadh a shùilean a mach, ’s chuireadh ’an gainntir e ré a bheatha. Rioghaich Edgar naoi bliadhna, ’s thàinig a bhràthair a b’ fhaisge, Alastair, a dh’ ionnsuidh na caithreach. Cha ’n ’eil mòran r’a innseadh mu rioghachadh an fhir a chaidh roimhe. Bha e anabarrach tighearnail ’na mhodh déiligidh ris na h-ull’ a thigeadh fagus da. Theireadh iad “Alastair an Gairgean” ris mar fhar-ainm. Chuir e sios gu h-ath-ghoirid aon troimhe chéile dh’ eirich ’s an taobh Mhuireach ’na rioghachadh, ’n uair a dh’ eirich Aonghas, ogha do Lùlaoch, suas an aghaidh an ùghdarrais rioghail ’an dòchas gu’m faigheadh e féin thun na righ-chaithreach. Ged a chuireadh am Muireach sios aig an àm sin, dh’ éirich e rìs deich bliadhn’ an déigh sin ’n uair a chuireadh sios e gu buileach air sheòl ’s nach d’ éirich e tuilleadh. Bhàsaich Alastair an Gairgean gun chloinn an déigh sheachd bliadhna deug de rioghachadh, agus thàinig Daibhidh a bhràthair a b’ òige a dh’ ionnsuidh na caithreach, ’s a’ bhliadhna 1124. Thàinig mar so triùir mac ban-righ Mairearait gu bhi nan rìghribh, agus am fear mu dheireadh gu bhi air thoiseach a thaobh urraim ’us cumhachd. Bha aon phiuthar aige d’ am b’ ainm Maud, a phòs Eanruic Beau-clerc rìgh Shasuinn. B’ e Eanruic so mac a b’ òig’ Uilleim a’ Bhuadhair. Phòs e nighean ban-righ Mairearait a bha de sheann sliochd rioghail Shasuinn, ’an dùil gu’n neartaicheadh sin a ghreim féin air a’ chrùn. Tha e oillteil ri innseadh an dòigh ’s an do laimhsich an righ ud a bhràthair bu shine na e féin, agus a b’e oighre dligheach a’ chrùin, a réir a’ ghné dlighe ’bha ’s an teaghlach ud. Bha Richard thall ’am Palestin ’nuair a bhàsaich Uilleam Rufus, an ceud aon de na bràithrean a rioghaich. Ghabh Eanruic sealbh dha féin air an rioghachd, cbuir e ’n teich air Richard ann am blàr ’an Normandi, ’s ghlac e mar phriosanach e ’s chuir e mach a shùilean, ’s chum e ’na phriosunach e déich bliadhna fichead. So mar a bha na mic a’ mealtuinn buaidh an ’athar. Bha mac ’us nighean aig Eanruic o bhan-righ Maud. Bhàthadh am mac so air an t-slighe tighinn as an Fhraing. Mar so thàinig an nighean air an robh ainm a màthar gu bhi ’na ban-oishre air crùn Shasuinn. Bha i air pòsadh Geofri Plantagenet, diùc Anjou. ’Nuair a bhàsaich Eanruic ’s a’ bhliadhna 1135, thug e air a chàirdean mionnachadh gu’n cuidicheadh iad a nighean a dh’ ionnsuidh na caithreach. Bha mac peathar aige d’ am b’ ainm Stephen, a thàinig fo na h-aon bhòidibh ri càch. Ach ’n uair a fhuair e ’chathair falamh, agus greim air iuchraichibh nan tighean ionmhais, sgap e ’n t-òr a’ measg nan àrd uaislean, ’s fhuair se e féin air éigheach ’na righ.—Eachdraidh na h-Alba. Am Mod agus a’ Ghaidhlig. (Highland News) FHIR-DEASACHAIDH,—Tha neach ’us neach a toirt duinn am barail fein air a mhòd ach tha aon ni air nach fhaca mi iomradh sam bith air a dheanamh, agus is e sin cho beag Gàidhlig ’s a bha ri cluinntinn aig a chruinneachadh sin. Gun teagamh bha na h-òrain gu leir anns a’ Ghàidhlig ach bha uile ghnothuichean na coinneimh air an giùlan air adhart ann am Beurla chruaidh nan Gall. Ged a tha pailteas Gàidhlig aig an Lighich MacGriogair a bha anns a’ chathair cha chuala mi facal di tighinn as a cheann; ni mo chunnaic na Rùn-chleirich no an luchd-dreuchd eile iomchuidh feum sam bith a dheanamh de ’n chainnt air sgàth an robh iad a gabhail na h-uiread de dhragh. Eadhon an t-altachadh a chaidh a radh roimh ar tràth-noin is ann sa Bheurla a bha e. Anns an “Naigheachd Ghaidhealach” air an t-seachdain a chaidh seachad bha “C. M. P.” a faotainn coire do’n Lighich Mac Ill-Iosa airson nach ’eil e a sgriobhadh ni ’s mò anns a’ Ghàidhlig na tha e deanamh, ach de th’ aige ri radh mu dheidhinn a Chomuinn Ghàidhealaich? Faodaidh an Lighich Mac Ill-Iosa a bhi ag oibreachadh anns an dòigh a shaoileas e fein is fearr agus cha ’n ’eil cunntas aige ri thoirt do neach sam bith ach do ’chogais fein, ach so agaibh comunn a bha air a chur air chois a dh’ aon ghnothuch gus a’ Ghàidhlig a chumail suas, agus nuair a theid mi do ’n mhòd bhliadhnail gheibh mi na h-uile ni air a dheanamh anns a’ Bheurla. Ach cha ’n abair mi an còrr air a chùis so an drast. ’S e an t-aon ni mòr a tha dhith oirnn an [TD 207] [Vol. 5. No. 27. p. 7] diugh gu ’m bitheadh a chainnt air a teagasg anns na sgoilibh, agus is i mo bheachd fein (agus cha ’n ’eil mi na m’ aonar innte) gur i an aon dòigh air so a thoirt mu ’n cuairt, duaisean matha a thoirt do na maighstearan-sgoile a chuireas an àireamh a’s mo troimh lamhan an fhir-cheasnachaidh, a gabhail cunntas de ’n aireamh a th’ anns an sgoil gu leir. Nis, tha am Mòd gu bhi ann an Inbhirnis an ath bhliadhna agus dh’ iarrainn oirbhse, Fhir-dheasachaidh, gu’m bitheadh sibh cho math agus gu’n gabhadh sibh cùram de airgead sam bith a chuireadh bhur leughadairean chugaibh airson duaisean de’n t-seorsa so a dheanamh suas, a bhitheadh air an tairgseadh comh-cheangailte ris a Mhòd. Cha’n ’eil teagamh sam bith agam nach ’eil iomadh neach air feadh na Gaidhealtachd agus an àitean eile a bhitheas deònach air beagan airgid a chur chugaibh airson an aobhair so. Bu choir do luchd-comhairle a’ Chomuinn Ghaidhealaich latha a’ Mhòid a shuidheachadh gun dàil agus fios a thoirt duinn air ball air gach comh-dheuchainn airson am bheil iad air bheachd duaisean a thairgseadh. Tha mi cinnteach gu’n oibricheadh so airson math a Chomuinn. Cha’n urrainn domh crioch a chur air mo litir gun a bhi toirt taing duibh airson an tomhas mor Gàidhlig a thug sibh dhuinn anns a’ phaipeir mu dheireadh. Cha’n fhaca mi riamh paipeir-naigheachd Albannach a cloth-bhualadh na h-uireid aig an aon àm. Gu ma fada beo sibh gu bhi cumail suas “ar cànain aosda, blasda, binn.” Is mise bhur caraid, CABAR-FEIDH. Lunnain, 28, 11, ’9g. Litir a Eilean a Phrionnsa. Bliadhna mhath ur do chairdean a MHIC-TALLA—’n-ear ’sa ’n-iar, tuath is deas. Tha mise 74 bliadhna dh’ aois agus mo fhradharc air falbh gu mor ’s bu mhaith leam beannrchd a chur a dh’ ionnsuidh cairdean MHIC-TALLA uile—gu sònruicht’ a luchd-sgriobhaidh agus gu ro shònruicht’ a chuid dhiu ’tha ’n taobh thall do ’n chuan mhor a tha cho cuimhneachail oirnn—mar tha Iain coir agus Bodachan a Ghàraidh. Ghabh mi eagal aon uair gu robh iad a dol a chur bearn as an cuid chliathan; b’e sin an call, oir tha meas mor agam air an cuid litrichean. B’fhearr leam gu robh Bodachan a Ghàraidh a bhos greis an seo fiach an cuireadh e as do dhroch luibhe ’th’againn ris an abair iad gu baeugach Daisy; far am bi e cha mhor gu’m bi ann ach e féin. Far am bi bàrr gràin cha nochd e e-féin cho mor, ach an uair a bhios an talamh a mach fo i fhiar bidh an raon co geal ri currag. Bha duin’ àraidh ann an àite sònruicht’ a sgriobh da litir “o Chreag an Fhithich,” agus gu dearbh bha iad math, ’s mar do chuir am fitheach leis a chreig e b’ fhearr leam gu’n cuireadh e tuilleadh a nall. Agus “Cabar Féidh” còir, ’sann a tha eagal orm gur ann a chuir iad a chròic dheth; ach mur do chuir cluinnidh am MAC-TALLA uaithe ’n ùine gun bhi fada. Tha duine còir eile ann a R. I.—Aonghas—duine cumhachdach ’san fhirinn, ’s cha’n ioghnadh sinn ’s e cho cumhachdach ’sa Ghàidhlig; mar a thuirt an duine còir roimhe—creideimh gun Ghàilig cha mhor a bheirinn fhin air a shon. Tha moran eile do dhaoine gleusda air an taobh so de’n chuan a’ sgriobhadh a dh’ ionnsuidh a MHIC-TALLA. Tha sinn bho fhiachaibh dhoibh, ach cha’n urrainn mi luaidh orr’ an dràst’. Bha a h-uile seòrsa barra gu math air an eilean am bliadhna ach am buntata, ach tha prisean bochd air gràn ’s air feòil, air chor ’s gu bheil moran againn (seadh a chuid a’s bochda dhe’n tuath) ga fhaotainn doirbh gu leòr an creideas a sheasamh. Bha daoine gle mhath dheth air an eilean bliadhnaichean air ais—bha ’n t-airgiod pailt ’s prisean àrd—ach cha robh sinn cho glic ri Ioseph. Cheannaich daoine moran do nithe a dhaoidte deanamh as an aonais; ach an uair a thionndaidh an roth an rathad eile tha e nise gle dhoirbh sealltuinn ’san aodann air na ceannaichean. Ach se daoine còire truasail a th’ anns na ceannaichean ’s tha fhios aca gu faigh iad an cuid fhéin le ríadh ge do thigeadh e gu h-aon ’s gu dha, seadh gu groigean an lagha. Tha pailteas do bhiadh airson duine a’s ainmhidh air an eilean so an diugh; ’sann ris bu chòir a radh, “’Se eilean a’s maisich’ ’s a’s pailt’ ann am biadh.” Chuir a Phàrlamaid beagan cis oirnn ach bhuinn iad gle shuairc ruinn. Thug iad cead do gach duine a chuid fearainn fhéin a mheas agus seòrsa eile an ionmhais, ach leag iad a chis cho aotrom, cha chuireadh e grainne air a bhalgam na snaithne san fhiacail dhe na dh’ fheumadh iad. Ach an deigh sin uile c’ait a bheil àit a’s fhearr na seo. Dòcha gu’n can cuid gur e cleas faoileag an droch cladaich a th’ againn, gur e ’n cladach aice fhein cladach is fhearr air an t-saoghal. Na biodh ro churam oirnn. “’Nuair is tinne ’n taod ’sann as dual da bristeadh.” Faodaidh sibh seo a ridleadh ’s ma tha dad ann as fhiach, thugaibh dha’n MHAC-TALLA e. Is mi ur caraid a ghnàth, MURCHA’ CAM. Bail’ an Tobair, E. P. I., 1, 1, ’97. P. S. Tha ’n da iarunn dhiag san teallach aig “C. C.” ach tha e mar a bha ’n taillear san sgeulachd, “Chi mi sin ’s fuailidh mi seo.” Tha ’shuilair MAC-TALLA, ach an uair a gheibh sibh rud uaithesan bidh e trom, tarbhach. M. C. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notairean &c. &c. SIDNI, C. B. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4.; ’95 [TD 208] [Vol. 5. No. 27. p. 8] Dan an Uisge-Bheatha. Cha ’n fhaod mi ris fuireach, ged phaighte dhomh chruinne, ’S e faoin-fhear a shluigeadh an dubhan gu chall, Na dh’ oladh an drubhag á caochan na duuach, ’S ma ’n tràigh thu e buileach, bi ’n tubaist ’s a’ cheann. Biodh teas na biodh fuachd ann, cha bhi e g ’ar buannachd, Cha ’n ’fhag e sinn uallach ach truagh luideach fann, ’S ann a dh’ fhògras sinn bhuainn e mar phlàigh a ni sguabadh; ’S e puinnsean an uamhais gach uair tha ’s an dram. Mar neòil maduinn chéitein a mùthadh na gréine, Ar ’n inntinn gun géill da, ma theid sinn na chòir; ’S an teanga bu ghéire gu’n leòn e gu gleusd’ i; Theid sgleò air do léirsinn, cha léir dhut do bhròg. Leann-aobhair gach eucoir ’s ciùrte na chéile, Gach gras-an ni threigsinn fear-éibhach nan stòp. ’S an cumhnanta breun ann ’s dubh aogas a’ sheul e, ’S e ùine agus céille bheir reusan ’na chòir. Fear aon-sùil na faillinn gun aithnich air fàireadh ’M poitear air straid gu de bhlàth anns an àm, A mhala bi gearrte, sùil dhùinte neo dha dhiu, Mar bhriathran ag radh riut, “mo ghradhsa se ’n dram.” ’Cur seachad a shaoghail an dachaidh na daorsna, Ni fheannadh ’s a rùsgadh ’s gun chaomhalachd ann; Ach ’s miosa na chùis sin bi’dh ’anam gun diù dheth, ’S gun bheatha ri faotainn ’s an taobh ach gu chall. Bidh ’aodach na shròichdean, cha ’n fhaod e bhi leòmach, Cha teid e ’na chòmhlan Di-dònaich ’se gann, Ach iarr dan tigh-osd’ e ’s cha ’n ionndrainn e còta, Bréid-sgùraidh ni leòr dha ’s an dreòis ud ’na cheann. Na casan bha lùthmhor gu siubhal an aonaich, Cha dian iad a ghiùlan ’s an lùths air a chall; Ged ’s tric air a ghliun è, cha’n ann ris an ùrnuigh, ’Toirt aoradh da’n liunn’ ni e lùbadh ’s an àm. Dh’ an leabaidh ’n uair theid e mu ghlasadh ann speuran, Bi ’fheòil troimhe chéile ’s cha ’n eibhinn a chainnt, A’ ghrian ’nuair a dh’ éireas, a buadhan cha léir da, Ach bruaillean ’no éibheach, “mo leireadh, mo cheann!” Gun smaointean an tràth sin cho caol ’sa tha snàthlain, ’S cho faoin ’sa tha ’n àit’ bheil a shàiltean ’s an àm, ’S gu faodar a smàladh mar chrùisgean nach dearrsadh, Mar chraoibh am biodh faillinn an gàradh nam plannt. Cha ’n òl sinn a ghrùid ud a thairneadh d’ an stùr sinn, Na ’s isle na brùid bi gach ann theid na champ: ’S e uisge na ’n aonach dh’ fhàg nàdur mar chùnnradh, ’S e dh’ fhàgadh sinn aotrom ’s a dhùisgeadh fear fann. Cha taobh sinn ’s a chùil e ’s cha ’n àill leinn air bhùird e, ’S gun bhuaidh air ri chùnntas, ’s ann chaochail na bh’ ann; Gur sgrios air na daoin’ e mar theine gun mhùchadh, Mar bheitheir a rùsgadh air aodann nam beann. Cha chum e rium slàinte gach cùis tha ’ga smàladh, Gun aon dhiu na fhàbhar s gun sàbhaladh ann, Cha dirich fear àradh na buannachd gu brath leis, Cha bhuannaich e àirde ach tearnaidh e trang. S. N. MAC FHIONGHAIN. Crodh Chailein. Gun dugadh crodh Chailein Dhomh bain’ air an fhraoch, Gun bhuarach, gun ghogan, Gun bhoiceann, gun laogh; Gun aon ni fo ’n domhan Ach suidhe r’ an taobh. Cha dèid mise Ghleann-Falaich Far nach h-aithnich iad mi; Cha dèid mis’ an Ghleann-uaine Far an uamharra ’n t-sid; Far an trom an laigh’ ghaillionn ’S nach bi bain’ aig an ni. Is glic agus ceart a runaich baintighearn araidh roimh so mu theagasg a cuid nighean fein. Thubhairt i, “Feuch gu’m faigh gach caileag, biodh i uasal no iosal, deagh eolas air ceaird, no obair air choreigin. Seadh, ionnsaicheadh i le curam an ni sin d’am mo am bheil do spéis aice, ge b’e ciod e. Cuireadh i a lamh ris gach gniomh feumail air feadh an taighe air a shuaraichead; cha tig an la anns an gabh i aithreachas. Ann an Ruisia mur a pòs duine mu’m bi e ceithir fichead, cha’n fhaod e pòsadh tuilleadh, agus cha’n fhaod neach sam bith pòsadh barrachd us còig uairean. Mar creideamaid ach na nithe sin a mhain a ta sinn a’ tuigsinn, bhiodh ar n-eòlas a thaobh gach cùise araon beag agus cuibhrichte; agus cha bhiodh e ’nar comas gnothuichean an t-saoghail a ghiùlan air an aghaidh. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. THA SO AIR A CHUMAIL DO D. J. DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. “Eagle Parlor” Matches Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe. Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, MONTREAL, TORONTO. [TD 209] [Vol. 5. No. 28. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 16, 1897. No. 28. Litir a New Zealand. “KAURIE GUM.” ’N uair a sgriobh mi ugaibh mu ’n iasg, bha e ’nam bheachd tuilleadh a sgriobhadh uime, ach smaoinich mi gu robh iasgach na dùthcha so cho beag diu ’s nach b’ fhiach e ’n t-saothair a bha mi ’cosg ag innse mu dheibhinn. Cha bhi mi toirt an còrr iomraidh air an dràsda; sguiridh mi a sgriobhadh nithean mi-choltach mu ’n iasg; dh’ innis mi gu leòr mar tha. Bheir mi dhaibh beagan cùnntais air “Kaurie Gum” an ceann tòisich na litreach so. Tha an stuth so a’ sileadh bho’n chraoibh Kaurie, na sheòrsa ròiseid mar a bhios a tigh’nn bho’n ghiuthas. Ma tha gearradh no bristeadh sam bith air cairt na craoibhe, tha e ’ruith a mach na bhidh, cho geal ri bainne, ’sa ruith dh’ ionnsuidh an talamh. Tha e ’cruadhachadh an ùine gle ghoirid, agus bidh e air fhalach leis gach duilleach us stùir a bhios a’ tuiteam bhar nan craobh. ’Se so an toiseach aige, ’s tha e na stiallain mora geala ris na craobhan, coltach ri geir coinnle. Cha’n eil faoighneachd sam bith air ’nuair a bhitheas e mar so. ’S ann a bhios féill air ’nuair a tha e air a chladhach as an talamh; uairean a gheibhear e gle fhaisg air uachdar na talmhainn, agus uaireannan eile bidh e àireamh mhor throighean fodha, gu sònruichte far am bheil an talamh bog. Tha e ’na mhill air a h-uile cumadh, agus dhe gach meudachd; uaireannan tha cnapan dhe cho mor ’s gu’n tomhais iad ceud punnd, ach tha e na’s pailte na mhirean beaga. Cha’n eil e air fhaotainn ach a mhàin anns an earainn so de ’n dùthaich anns am bheil na craobhan Kaurie a fas, agus tha ’chraobh sin daonnan ann an talamh bochd. Tha an gum air fhaotainn mar an ceudna ann an àiteachan a tha mi-fhreagarrach air son tuathanachais. Tha raointean air an cur air leith air feadh na dùthcha leis a’ Chrùn air son àite saor a bhi aig an luchd-cladhaich. Tha moran de ’n fhearann shaor sin aig an tuath ’s iad a pàigheadh màil air a shon gach bliadhna. Tha an gum gle dheiseil do fhear an fhearainn; ma bhios gainn’ airgeid air, theid e mach a chladhach, ’s thig e dhachaidh le eallach. Ged bha ’n gum an toiseach air uachdar an talamh, tha e ’na ni iongantach mar tha e a nis air fhaotainn cho domhainn ’san talamh, far am bheil e an tasgadh o chionn mhiltean bliadhna, ’s an liuthad atharrashadh a thainig air an t-saoghal anns an ùine sin. Tha e ’na ghnothuch diomhair a tha doirbh eadhon do dhaoine ionnsaichte a thuigsinn. Tha ’n Kaurie Gum so air iomadh dath, gu bitheanta buidhe-ghlas le stiallan troimhe mar gu’m bitheadh e air a bhloigh-mheasgachadh. Tha gu tric moran dheth dubh, dearg, us geal. Tha na dathan so a’ tighinn le sùgh na cartach a bhi dol na mheasg ’nuair tha e bog bho’n chraoibh. Tha cuid dhe trid-shoillseach mar ghloinne, coltach ris an omar. ’Se ni aluinn a th’ anns an t-seorsa sin, agus gheibhear pris mhor air. Loisgidh e gu bras le cop air uachdar, ach cha leagh e idir mar a ni ròiseid a ghiuthais. Cha dean olla sam bith feum air. ’Se stuth làidir an aon ni a cho’-mheasgaicheas ris. Tha aon ni àraidh a thatar a’ deanamh dheth, ’se sin sliob-olla, no seorsa de “copal,” ni a thatar a’ cur am feum fad us farsuinn. ’Se aon àite th’ anns an dùthaich so anns am bheileas a deanamh na sliob-olla so. Ged ’s e ’n aon ghnè a th’ anns a ghum so, tha eadar dhealachadh mor ’na phris. ’S iad na Maories a bha ’n toiseach ’ga chladhach an uair a bha e faisg air uachdar na talmhainn. Ma dheireadh thòisich na daoine geala ri chladhach, ’nuair a dh’fhàs cosnadh eile gann. ’Si ’n acfhuinn àraidh a th’ aca air son na h-obrach so, sleagh mor air a cheangal gu tearuinte ri maide. Leis a so tha e ’brodadh na talmhainn gus am buail e an rud a tha dhith air. Tha sluasaid air sreing ’ga slaodadh na dheigh deiseil air son cladhach. Tha na daoine geala na’s fhearr air an obair a dheanamh na tha na Maories. An àite doigh na Maories tha aca nise sleagh mu cheithir no coig a throighean a dh’ fhad a theid domhain ’san talamh. Tha e air a chur ann an seann chas sluasaid air son a bhi deiseil d’a laimh. ’S anabarrach mor na plochdan a tha duine mar sin a tionndadh. Tha rithist cuid ri obair “paddocking;” ’se sin a bhi tionndadh an raoin as a cheann gus na bhios ann a thoirt as. Tha cladhach a ghum gle mhi-chinnteach; cha bhi fhios aig duine cuin a thig e air, agus tha sin a’ cur sùrd air duine gus a bhi ’ga leantuinn, oir dh’fhaoide gur ann ’nuair a’s lugha shaoileas e a thachras meall dheth air. Thig e dhachaidh bho ’obair tràth feasgar, agus cuiridh e seachad a’ chuid eile dhe’n latha a’ glanadh na fhuair e dhe’n ghum. Bheir sin ùine dheth; tha h-uile mir dheth làn de dh’ eagan us do thuill, agus feumar iad sin a ghlanadh le gob sgeine. Tha tomhas math de thalamh a’ leantuinn ris. Tha bùth-bathair air a h-uile raon, far am bheil biadh us aodach, agus na h-uile ni feumail ’ga chreic. Tha am marsanta ceannach a ghum ’s ’ga chur air falbh ann am pocannan. Ma thig coigreach an rathad ag iarraidh obrach, ma tha e idir coltach ri deagh chosnaiche, bheir am marsanta cuideachadh dha. Gheibh e sleagh agus sluasaid agus biadh seachdain. Ma bhios e-fhéin idir gleusda cha’n eagal dha tuilleadh. Ach ma theid e ’s na fiachan, rud a tha tric a tachairt, bheir e start dha’n mharsanta, ’se sin bheir e ’chasan leis. Tha sin furasda dha dheanamh; cha’n eil aig ach a chuid an t-saoghal a thogail leis air a mhuin, agus air a mheadhon-oidhche an rathad-mor a thoirt air, agus cumail roimhe gus an ruig e raon eile. Tha na marsantan a creic a bhathair gle dhaor. Feumaidh iad sin mu’n dean iad suas na tha iad a’ call air luchd an startaidh. An toiseach ’se h-uile duine bu shuaraiche na chéile, misgearan ’us eile, ’bha ris an obair. An uair sin bha ’n gum pailt, agus dheanadh duine leisg sam bith beòlaind air, agus a bharrachd air sin bha gach fear dhiubh air a thoil fhéin, gun mhaighstir no fear-dreuchd sam bith os a cheann, agus cha robh ùmhlachd ’ga thoirt do dhuine sam bith. Is tric a tha ri fhaotainn daoine bhuineas dho chuideachd uasal, lan foghluim mar tha oifigich airm, dotairean, pearsachan eaglais, agus morairean, feadhain nach saoileadh duine, a’ cladhach an sid, air an toirt ann le deoch ’s le ’m mi-bheusachd fhéin. A nise tha ’n gum a’ fàs gann, cha dean feum ann ach duine tapaidh, agus tha na daoine leisge tuiteam air ais. Tha mu dheich mile de shluagh na dùthcha so ris an obair so, agus o chionn beagan bhliadhnaichean tha sluagh air tighinn á rioghachd Austria, agus tha beagan diubh a tighinn na h-uile bliadhna. Tha nise mu mhile dhiubh anns an dùthaich. Tha iad so an cumantas a deanamh deagh chosnadh. Thatar a’ cladhach mu choig ceud tunna na h-uile mios, agus tha e air a chur air falbh gu Lunnainn ’s gu New York. An toiseach, cha robhas a faotainn air ach mu shia tasdain an ceud punnd, ach a nise tha e ’creic air ceithir fichead punnd Sasunnach an tunna. Tha so ’na airgead mor, agus tha e cur a chuid so dhe’n dùthaich fad air toiseach air cearnan eile dh’i. Gabhaibh mo leisgeul air son mo litir a bhi cho fada. Bliadhna Mhath Ur dhuibh. Is mi ur caraid, IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, N. Z., 25, 11, ’96. [TD 210] [Vol. 5. No. 28. p. 2] Blar na Brataich. ’N uair a chunnaic righ Alba gu’n robh nighean a pheathar air a cumail a mach o ’h-àite féin, rinn e air son dol a chogadh ri Stephen air los a thilgeadh bhàrr na caithreach. Rinn e mòran creachaidh da thurus ’an déigh a chéil’ air taobh tuath Shasuinn. Air an treas turus chaidh e co fada deas ri siorrachd Iorc. Bha ’leòr aig Stephen ri ’dheanamh aghaidh a chumail ri pàirtidh eil’ a thog Matilda na h-aobhar féin. Bha mar so an rioghachd fosgailt’, a réir coslais do righ Daibhidh, aig an robh sea mìle fichead saighdear ga leantuinn. Rinn Turstan, ard-easbuig Iorc, air son armailt a thional gus na h-Albannaich a choinneachadh. Chruinnich e na h-àrd-uaislean ’am baile Iorc, ’s shuidhich e là trasgaidh sòluimte. Dh’ àithn e do na h-uil’ a b’ urrainn armachd a ghiùlan, éiridh gus an eaglais a dhionadh o na borbanaich. Chuir e mach na sagartan air ceann muinntir nan sgìreachdan gus an treòrachadh ’s a’ bhlàr. Cha b’ urrainn e féin dol a mach a chionn e bhi tinn. Chuireadh suas a’ bhratach Shasunnach air monadh Chutoin, faisg air Northalerton. Chuireadh crann luinge ’na sheasamh air feun cheithir chuibhleachan. Chuir iad Crois-Chriosd’ mhòr air mullach a’ chroinn. Bha trì brataichean mòr eil’ a’ snàmh fo’n Chrois. An déigh caochladh oidhirpean air a’ ghnothuch a réiteachadh le sìth, thaìnig i d gu ionad tharruing lann; na h-Albannaich a’ glaodhaich an duan catha féin, “Albainn! Albainn!” Thàinig na trùpairean Sasunnach dheth an cuid each ’s chuir iad gu cùl an airm iad, ’s champaich iad féin timchioll na Brataich. Chumadh an cath suas air gach taobh ré dhà uair de thìm. Tha luchd-eachdraidh ag aithris mòran gaisg’ air gach taobh. Chaidh Prionns’ Eanruic, tàinistear rioghachd Alba, air ceann na buidhne ’bha e féin a treòrachadh troimh ’n bhuidhinn a bha fa chomhair de na Sasunnaich, mar gu’m bu lion an damhan alluidh a bhiodh fa chomhair; agus thug e garg ionnsuidh air taobh an nàmhaid. Ach bha buidheann lìonmhor do fhir bhogha ’s an arm Shasunnach a bha caitheamh shaighdean slaite-tomhais air fad a steach am measg nan Albannach leis an robh iad a’ deanamh mòran millidh. Fadheòidh thog saighdear Sasunnach ceann fir a thuit air bàrr a shleagha, ’s ghlaodh e mach, “Ceann rìgh Alba.” Sgaoil so mar le telegram, tre’n chuid de’n arm a bha ’san àm ri aghaidh teine, ’s thòisich iad a’ dol air ais. ’N uair thuig Daibhidh an ni a bh’ ann thug e ’n clogad dheth a cheann ’s thòisich e ga shealltuinn féin gu’n robh e beò slàn. Ach cha deanadh e’n gnothuch tuilleadh. Cha b’ urrainn a mheud ’s a bha tuigsinn a mhearachd, càch a chur ’an òrdugh. B’ éigin cùl a thoirt do’n nàmhaid. Chaill Daibhidh dà mhìle-dheug ’s a’ bhlàr fhuilteach ud, a fhuair “Blàr na Brataich” mar ainm. Chuireadh e air an dara là fichead de cheud mhios an fhoghair, 1138. Chaidh sìth a nasgadh an déigh so eadar an dà rioghachd. Ach ’s ann air cumhachaibh a bha fàbharrach gu leòir do Dhaibhidh, leis an d’ fhàgadh ’an làn-sheilbh air roinn mhòr de thaobh tuath Shasuinn e—Northumberland agus Durham. Cha tug Daibhidh claidheamh á truaill tuilleadh gu cogadh an aghaidh Stephein ’an aobhar nighean a pheathar, ged a lean mòran eil’ air sin car tamuill. ALASTAIR III. Cha robh Alastair III. ach ochd bliadhn’ a dh’aois aig àm bàis ’athar. Gun teagamh ’s ann a thaobh e bhi co ro òg ’s a bha e a tha luchd-eachdraidh a’ toirt uiread de chunntas air na nithibh a thachair aig a chrùnadh. Am measg nithe eile tha iad ag innseadh dhuinn gu’n do mhìnich a luchd-comhairle na mionnan crùnaidh dha ’an Laidean agus ’am Fraingis Normanaich. Agus tha e air a ràdh an uair a chuir easbuig Chill-Rimhinn an crùn air a cheann, ’an déigh ungadh le olaidh, ’s e ’na shuidh’ air Clach a’ mhanaidh (an Lia-Fàil) ’an eaglais Scoinne, gu’n d’ aidich a chuid thighearnan ùmhlachd dha air an glùinibh, agus a’ sgaoileadh an cuid brat fo a chosaibh. ’An sin gu’n tàinig Seanachaidh Gàelach air lom a thòisich, ’na chainnt féin, air innseadh a shinnsireachd do’n rìgh, air ais a dh’ ionnsuidh e’ cheud rìgh a theireadh iad féin a bha riamh air Alba, agus an uair a chrìochnaich am fiùdhalach so a dhuan le “Beannachd do rìgh Alba, Alastair Mac Alastair, Mhic Uilleim, Mhic Dhaibhidh, Mhic Challuim,” gu’n do leigeadh air falbh e luchdaichte le tiodhlacaibh luachmhor. Thug iad air an rìgh so pòsadh mu’n robh e ach deich bliadhn’ a dh’ aois. B’ ann ri teaghlach rioghail Shasuinn a roghnaich iad cleamhnas a dheanamh. Bha Eanruic III. rìgh na dùthcha sin, air bhi ’na charaid aig Alastair II.; ach bha e ’na dhuine co suarra ach ’s gu’n d’ oidhirpich e air an òganach a thàinig gu bhi ’na chliamhainn dha aomadh gu rioghachd Alba thoirt suas d’a riaghladh féin, no co dhiubh gu’n aidicheadh e rìgh Shasuinn mar Ard uachdaran Alba, ’s gu’m biodh e féin a’ riaghladh fodha. Fhreagair an t-Albannach gu duineil, a réir aois, gur h-ann a thàinig e phòsadh bana-phrionnsa Shasuinn, ’s nach robh e ’dol a thoirt air aghart gnothuch fallaiseach air bith a bhuineadh do’n rìoghachd, ’s nach b’ urrainn ann e gun chomhairl’ ’us òrdugh a Phàrlamaid. Mar a bha Alastair a’ tuigsinn nam beachdan a bh’ aig athair-céile rinn e cumha uair ’s e air fhiadhachadh an déigh sud do Lunnuinn, nach feudadh co-labhairt air bith a bhi eatorra mu thimchioll gnothuichean stàite. Ach cha b’ e mhàin gu’n robh rìgh Shasuinn a’ gabhail brath air òigead rìgh Alastair, bha mòran de ’chuid ìochdarana féin a’ deanamh sin mar an ceudna. Fhuair an nì a thuirt Solamh coimhlionadh litireil a thaobh Alba fhad ’s a bha ’n rìgh fo aois. “Is an-aoibhinn duit a rioghachd ’nuair is leanabh is rìgh dhuit.” Ré nam bliadhnacha sin bha daoine mòra, air Ghalltachd ’us Ghàeltachd, a’ tolladh fo a chéile. Bha Morairean na Galltachd, cuid diubh, air an roinn ’n am pàirtidhibh ’an aghaidh a’ cheile, agus a’ goid an rìgh o chéile. ’S ann aig a’ phàrtaidh aig am biodh sealbh air pears’ an rìgh a bha riaghladh na rìoghachd fhad ’s a b’ urrainn iad a chumail. Tha e araon mi-thaitneach ’us mi-tharbhach a bhi ’leudachadh air na dòighibh ’s an robh na fiùdhalaich ud a’ caitheamh bhead air a’ chéile. Ann an aon de na caonnagan fuilteach a bha ’measg nan Gàel ’s an àm ud, ’nuair a dh’ eirich buidheann naimhdean ’an aghaidh Iarla Rois, chaidh seachdnar de oighreachan Foulis a mharbhadh còmhladh, ’s thàinig an oighreachd a dh’ ionnsuidh naoidhein a bha ’s a’ chreithil. Ach ri ùine thàinig Alastair gu fearachas ’s gu bhi comasach air toigh a thoirt araon air féin ’s air a rioghachd. Bha iomadh ni air feadh Alba ’bha ’g agairt air an rìgh air àm dha teachd gu fearachas. Cuid diubh sin ag éiridh o neo-thioralachd nan Gàel ’s nan Gall ri ’chéile. Ach cha robh aon ni bu mhò ’bha cur Alba ’n cunnart na staid nan eileanan tuath ’us siar, a bha uile fo uachdranachd rìgh Lochluinn, o Arcu-chuain gu ruig an t-eilean Manaineach. Cha b’ ann còmhladh, ach a lion aon ’us aon a fhuair an Lochluinneach sealbh air na h-eileanaibh; agus ’s e ’s coslaiche gu’n robh iad uile air an cur fo chìs mu’n àm an d’ fhuair Coinneach Mac Alpuinn dà rioghachd Alba aonadh r’a chéile fo a riaghladh féin. Bha ’dol aig righrean Alba air na h-eilthirich ud a rotadh air falbh as na h-uil’ àite de ’n mhor-thir, a siar ’s a sear, air an robh iad a’ gabhail sealbh car greis. Ach mar nach robh càbhlach aig righribh Alba a dh’ fheudta idir a choimeas ri lionmhoireachd nan luingeas Lochlunnach, agus mar sin nach b’ urrainn iad smuaineachadh air aghaidh a thoirt doibh air muir, b’ éigin doibh na h-eileana fhàgail aca ré còrr ’us ceithir cheud bliadhna. Bha luchd-riaghlaidh a’ faotainn a mach air an costas gu’n robh e ’na ni ro chronail do ’n rioghachd na h-eileanan a bhi fo thighearnas nan coigreach ud. Cha robh uair sam bith a dh’ éireadh cogadh eadar Alba ’us Sasunn, nach robh e furasta gu leòir do ’n nàmhaid dheasach cuid de phrionnsachan nan eilean fhaotainn gu dhol air tìr le ’n luchd-leanmhuinn ’an àit’ eigin de ’n mhòr-thir, ’s na b’ urrainn iad a dheanamh de chall le togail chreachan, ’us marbhadh sluaigh, ’s mar sin an t-arm Albannach a chur eadar dha theine. Agus ged nach biodh cogadh ri Sasunn idir, ’nuair a rachadh fear no dithis dhiubh sud, le ’chuid dhaoine, a chòmhnadh aoin sam bith de na cinn-fheadhna chumhachdach a thogradh éiridh ’an ceannairc ’an aghaidh an righ; bheireadh iad an dùbhlan do armailt sam bith a chuireadh e ’n an aghaidh. Mar sin cha bu chomasach e gu’m biodh rìgh Alba gu bràth ’na mhaighstir air [TD 211] [Vol. 5. No. 28. p. 3] fhonn féin, fhad ’s a bhiodh àireamh co lionmhor de naimhdean ga chuairteachadh, agus co faisg a làimh. Bha saorsainn aig Alastair III. o chogadh ri Sasunn ’na latha féin, a chionn e bhi ’n cleamhnas ri rìgh na tìre sin; ’s ghabh e ’n cothrom air na h-eileanan a thoirt fo ’ùghdarras féin. Chuir e càbhlach ’us armailt ’an aghaidh nan eileanach a lion aon ’us aon. Bha e ’sgiùrsadh air falbh na h-uile ceann-feadhna nach robh deònach air e féin ùmhlachadh do ùghdarras rìgh Alba. Tha e coslach gu’n robh baide maith dhiubh sin ann. Thog iad an cùis gu rìgh Lochluinn, a bha iad ag aideachadh a bhi ’na àrd rìgh dligheach air na h-eileanaibh. Rùnaich Haco, a bha ’s an àm sin air caithir Lochluinn, làn dhioghaltas a dheanamh orrasan a bha ’fuadachadh a chuid phrionnsachan air falbh as an fhearann a bha e ’n dùil a bhiodh am feasd ceangailte ri crùn Lochluinn. Dh’ uighimich e càbhlach lionmhor luingeas air son briseadh a stigh air Alba le sùil ris an rioghachd a cheannsachadh gu h-iomlan da féin. Dh’ fhàg e Lochlunn gu maith tràth air an t-samhradh le ’chuid luingeas luchdaichte le saighdearaibh, ’s gach gnè armachd a bha cleachdta ’s an là sin ’an cogadh mara no tìre. Fhuaradh a mach gu maith trà ’an Alba gu’n robh an t-eascaraid so a’ tighinn a thoirt ionnsuidh orra, agus bha luchd-riaghlaidh na rioghachd a’ deanamh gach ullachaidh a b’ urrainn iad air son làn di-bheatha ’thoirt da, ’s an t-seadh an àbhaist do aon nàmhaid sin a thoirt do nàmhaid eile, co luath ’s a thigeadh e. Cha smuainicheadh iad air aghaidh a thoirt da air a’ mhuir; ach shuidhicheadh buidheann thearc shaighdearan ’an sud ’s an so, aig gach ceann fearainn timchioll air an rioghachd, far an robh e coltach gu’m feudadh e tighinn air tìr; ’s bha iad gu comharadh a dheanamh ri ’chéile le teintibh, na’m faiceadh iad e ’dlùthachadh ris an fhearann, agus oidhirpeachadh gach grabadh a b’ urrainn iad a chur air gus an tigeadh feachd na rioghachd ga choinneachadh. Bha e mu mheadhon ceud mhios an fhoghair ’nuair a fhuair càbhlach Haco, anns an robh ochd fichead long, seachad air Maol Chinntire, ’s a steach do chaolas Chluaidh. Bu sheann laoch Haco, a bha dà fhichead bliadhna ’s a sea ’na rìgh air Lochlunn. Cha robh Alastair III. leth sin a dh’ aois; ach thug an laoch òg an car, gu sgiobalt’ as an t-seann laoch. Bha fios aig fear Alba gu’m bu bhuannachd dha féin, ’s gu’m bu chall do Haco, na h-uile là b’ urrainn e ’cheann a chur seachad gun tòiseachadh air a’ chògadh. Chuir e sagartan cos-ruisgte air bòrd do luing Haco gu còrdadh ris mu na cumhachaibh air an tugadh e seachad an rioghachd dha féin, mur faighteadh sìth air sheòl eile. Lean na teachdairean-cùirt so air dol air ais ’s air aghart leis gach lethsgeul a gheibhte ’mach, gus an do tharruing an ùine car fada. Ré na h-ùine sin uile bha Alastair a’ deanamh gach ullachadh a b’ urrainn e air son a’ chogaidh, le bhi ’tional shaighdearan as gach cearna de’n rioghachd, ’s ga ’n cur ’n am buidhnibh beaga mu’n cuairt do’n oirthir mu choinneamh nan luingeas; ’s a thuilleadh air sin bha gun teagamh sùil aig Alastair ris na h-eileamaidean féin a thighinn ga chòmhnadh ’an ùine ghoirid. B’ amhuil a thachair: air an oidhche mu dheireadh de dhara mìos an fhoghair, sheid stoirm co uamhasach ’s co obunn ’s gu ’n do shaoil na Lochlunnaich gu’m b’ iad na ban-druidhean Albannach a bha ’togail na gaoithe. Bh’ an luingeas a’ leantuinn air a bhi reubadh air falbh thar an acraichean, ’s a’ ruith suas an caolas roimh ’n ghaoith, ’s a’ briseadh air na cladaichibh, no ’sgailceadh ri chéile ’s an oidhche dhùdlaidh, dhuirch, ’s a’ sioladh leis na bh’ annta. ’Nuair a’ shoilleirich a’ mhaduinn bha na cladaichean làn de luingeas bhriste, ’s na seòladairean ’s na saighdearan timchioll orra, ag oidhirpeachadh air an dìon o ’n tuath-cheathairn a bha air dol fo ’n armachd ’s a’ gabhail nam fàth air na Lochlunnaich a chreachadh, ’s a mharbhadh mar a b’ urrainn iad. Lean an doinlonn ré an là sin ’s na h-oidhche; ach air an ath mhaduinn thàinig ni-eigin de lasachadh oirre, ’s chaidh Haco ’s a chuid shaighdearan air tìr gus na b’ urrainn iad a shàbhaladh de ’n cuid. Ach cha b’ e sin a bh’ aca r’a dheanamh. Cha bu luaithe fhuair iad an casan air tìr na chunnaic iad an t-arm Albannach, a bha nis air tional as gach cearna, ag iadhadh mu’n timchioll gu neo-sgàthach, colganta, ’s righ Alastair féin air an ceann. Sguab iad na h-eilthirich sios rompa gu beul na mara leis a’ cheud bhuille. Ach thilg na Lochlunnaich iad féin ’an cruth cruinn, ris an abair luchd-airm, cearcall, leis an tàinig am feachd gu h-iomlan gu bhi coslach ann an cumadh ri gràineig mhòir, còmhdaichte air gach taobh le sleaghaibh fada stàilinn, troimh an robh e eucomasach briseadh a steach. Timchioll air a’ chearcall so bha ’mhire-chath a’ dol air aghart fad an latha. Ach mu fheasgar lagaich a’ ghaoth, a bh’ air bhi glé bheò roimhe sin, ’s fhuair an t-arm Lochlunnach gu h-iomlan air tìr, ’s mar sin chaidh ac’ air na h-Albannaich a chur suas o ’n chladach; ach tuilleadh cha d’ rinn iad. Chuir an oidhche crioch air saothair an luchd-còmhraig sgìth, a thug an là fhoghair air slachdadh a’ chéile. Fhuair na Lochlunnaich air bòrd an cuid luingeas fo sgaile na h-oidhche ’s dh’ fhoghainn sud féin leò de chogadh. Bu bhuidhe le Haco uaibhreach fosadh iarraidh gu a chuid mharbh adhlacadh, ’s ’nuair a fhuair e ’n dleasnas sin crìochnaichte, chuir e ’chuid shaighearan, slàn ’us leònta mar a bha iad, air bòrd an tearc de luingeas a dh’ fhàgadh slàn aige ’s thog e air gu falbh dhachaidh; ach dhachaidh cha robh e gu dol. Dh’ fhàs e tinn air an an rathad ’s chaidh e air tìr an Arcu, far an do bhàsaich e leis an t-sàrachadh a fhuair e ’n ceann a’ ghnothuich thuaireapaich ud, ’s leis an deamhadas air son an dòigh anns an do chriochnaich e. Bha e ’g aideachadh air leabaidh a bhàis gur h-i làmh Dhé chaidh a mach ’na aghaidh-san, ’s mur b’ e sin nach b’ ann air an dòigh ud a philleadh e. B’ e Làirg, baile beag an siorrachd Ara, ainm an àite ’s an do choinnich na h-Albannaich ’s na Lochlunnaich a’ chéil’ aig an àm ud. Their luchd-eachdraidh Blàr Làirg ris. Tha làthraichean a’ bhlàir ri ’m faicinn fathast air na cladaichibh ud. Chithear an sud na torran mòra chlach fo’m bheil an fheadhainn a chaidh a mharbhadh ’s a’ bhlàr air an adhlacadh, ’s gheibhear fathast ann mirean de innealan cogaidh de gach seors’ a bh’ air an cleachdadh ’s na linnibh ud. Feudar a ràdh gu’n do chuir an aon bhlàr an gnothuch an dara taobh a choidhch tuilleadh, a thaobh eileanan Innse Gall a bhi air an reubadh o na Lochlunnaich. Ach tharruing e ’dhà no thrì bhliadhnachan ’an déigh sud mu’n do naisgeadh cùmhnant eadar Magnus, mac Haco, agus Alastair III. leis an d’ aontaich an Lochlunnach na h-eileanan uile a lìbhrigeadh do Alba, ach Arcu agus Sealtuinn, a chum e beagan ni b’ fhaide. Bha Alastair glé ghniomhach ann a bhi ’frithealadh ceartais a’ measg a chuid iochdaran o cheann gu ceann deth ’n rioghachd. Air son an aobhar so bha e ’n ’a chleachdadh aig’ a bhi deanamh cuairt bhliadhnail air feadh na rioghachd o cheann gu ceann. Bha buidheann thaghta dheth ’chuid ridirean ’us àrd-uaislean, ’us mar an ceudna àrd-bhreitheamh na rioghachd, a’ marcachd còmhladh ris do gach cearna fa leth. Thòisich Alba ri bhi air a roinn ’na Siorrachdaibh ri linn righ Daibhidh; ach b’ ann goirid roimh an àm air a bheil sinn a nis a’ labhairt a thugadh na Siorrachdan a dh’ ionnsuidh na meudachd ’s nan ainmean a th’ aca gus an là an diugh, no glé fhaisg air sin. Bha Siorraimh gach cearna fa leth, maille ri feachd cogaidh nan crìochan, a’ coinneachadh an rìgh aig iomall na Siorrachd, agus a’ toirt coimheadachd dha gu iomall na Siorrachd a b’ fhaisge air sin, far an robh coimheadachd de’n ghné cheudna a’ feitheamh gu gabhail ris. Bha na h-uile gearan a’ faotainn éisdeachd, agus gach anaceartas air a leasachadh gun dàil. Bh’ an rìgh, mar an ceudna, a’ toirt eisimpleir ’us misneachd do’n t-sluagh ann an tuathanas. Bha mòran de’n chuid a b’ fhearr a dh’ fhearrann na tìre fathast ’na choilltich. Ach bha mòran dith air a thoirt a steach ri ’linn-san, mar a bha sìth ann air gach taobh an déigh fuadachadh nan Lochlunnach. Bha pailteas a’ measg gach inbhe fa leth dheth ’n t-sluagh gus ithe, òl, ’s a chuir umpa, agus rud maith ri ’sheachnadh air son mhargaidhean rioghachdan eile. Bha béin’ us sithionn ’am pailteas, ’us ainmhidhean de gach seorsa ga’n cur gu tìribh céine air son an reic. Ach feudar a ràdh gu ’n tàinig crioch, car ùin’, air an t-soirbheachadh so le bàs a’ phrionnsa ghlic agus chomasaich ud, a (Air a leantuinn air taobh 214.) [TD 212] [Vol. 5. No. 28. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, IANUARAIDH 16. 1897. Co rinn Oran na Spàinntich Chunnaic mi anns a MHAC-TALLA bhi a faighneachd co a rinn an t-òran bàrdail ud. Cha b’ ann ’san Eilean Sgiathanach na’n Earaghaidheal a rinneadh e idir; b’e fear Dònull MacLeòid de mhuinntir Asaint a rinn e. B’e an t-aobhar airson an d’ rinn e ’n t-òran, gilie òg a bha na nabachd, aig an robh leannan ach a bha car mall mar shuiridhiche, is leis a mhaille, mar is tric a thachair, chaill e i; phòs i fear eile. B’e Ruairi a b’ ainm d’a h-athair, agus bho sinn ge bu taitneach cleamhnas Ruairi, ’nuair a chunnaic an gille òg gu’n do chaill e nighean Ruairi cheannaich e ’n Spàinnteach, is cha robh mor eòlas aige air gunna obrachadh; ach bha MacLeòid na Shealgair ainmeil ’na latha ’s na dhùthaich féin, is ged a thogadh cis far Alba leis an Fheòladair cha d’thug sin air an Leòdach an gunna ’leigeil uaithe. Ach coma riamh, ’sann a thug Dònull ’sa nàbuidh ri beinn la de na laithibh. Bha na féidh pailt ’san àm sin; cha robh iad fada gus an d’thàinig damh cabrach ’nan rathad. Leag Dònull am fiadh; beagan an déigh sin thainig mang an àite urchrach dhoibh. Thug Dònull cothrom na Feine dha; loisg a chompanach air a mhang, is o bi cheud uair a loisg e urchair á gunna cha deach a chùis leis gle mhaith. Nuair a dh’fhairich e darrach a ghunna ’s i tabhairt breab da ’sa ghualain, chaith e as a lamhan an spàinnteach, ’s ’nuair a thog ceò an fhùdair bha am mang á sealladh, is gu beag an Spainnteach. B’e sin an t-aobhar air an d’ rinneadh an t-òran snasail. Cha chuala mi ’n còrr mu ’n Leòdach, ach gu’n robh cliù aige mar dhuine taitneach. Ma rinn e ’n còrr bàrdachd cha chuala mi. Is ann eadar fichead is coig bliadhna fichead an deigh Latha mi-shealbhach Chuilfhodair a rinneadh an t-òran. AONGHAS MACAOIDH. Providence, R. I., 28, 11, ’96. P. S. Is e Calum MacMhaoilein bho Ardnamorchuan a rinn an t-òran, “Gruagach òg an òr-fhuilt ghrinn.” A. McA. Tha Breatuinn agus na Stàitean an deigh tigh’nn gu còrdadh a thaobh Venezuela; ’se sin, tha na h-uaislean a bh’ air an cur air leth o’n da Riaghladh air aontachadh mu’n chùis. Bha an còrdadh a rinn iad air a chur air beulaobh Morair Salisbury, Priomhair Bhreatuinn, agus thug esan aonta dha. Rinn Cleveland an ni ceudna anns na Stàitean, ach tha e fathast ri dhol fa chomhair an t-Seanaidh agus tha daoine car teagmhach a thaobh ciod a nithear ris ann an sin. Tha ’n Seanadh air a dheanamh suas de dhaoine aig am bheil barail mhor orra fhéin ’s air an dreuchd agus cha bhiodh e idir iongantach ged a chuireadh iad maille air a chuis direach air son a leigeil fhaicinn gu’n teid aca air sin a dheanamh. Ach cha dean math a bhi toirt breith orra roimh’n àm; dh’ fhaoidte nach eil ’nam beachd dad cearr a dheanamh, ach bhiodh e ’na chall mor na’n cuireadh iad stad air an deagh obair a tha dol a dhaighneachadh na sith eadar Breatuinn agus na Stàitean, ni bu chòir a bhi, agus a bhiodh na dheagh eiseimpleir do rioghachdan eile an t-saoghail. Bha an Caiptean MacIsaic á Charlottetown, E. P. I., anns a bhaile an dé air a thurus dhachaidh á St. John ’s Newfoundland. Chaidh e sios le luchd soithich de choirce, buntata, ’s feòil-muice, agus an deigh an luchd a chreic dh’fhàg e an soitheach shios gus an tigeadh an t-earrach. Thainig e gu Louisburg air a Choban. Buinnidh an Caiptean do Cheap Breatuinn, agus tha moran de chàirdean a fuireach fhathast ann am Margaree. Bha an Caiptean MacIsaic ag innse dhuinn gu’n d’ thainig e air tir ann an Louisburg sia bliadhn’ deug air fhichead air ais, agus e air son a dhol gu ’dhachaidh ann am Margaree. Dh’ fheuch e ri duin’ fhastadh gus a chur a stigh gu Sidni le each us carbad, ach cha ghabhadh duine faotainn. B’ fheudar dha a mhàlaid a thoirt leis air a dhruim agus an t-astar a dheanamh dh’a chois. Thug sin latha dheth, agus b’fheudar dha feitheamh latha eile ann an Sidni mu’n d’fhuair e ’n t-aiseag gu Sidni Tuath. Cha robh guth air bata-smùide eadar an da bhaile an uair sin. Bha bata-smùide ruith eadar Sidni Tuath us Baddeck, ach air do’n chuan a bhi car garbh, bha aige ri feitheamh da latha mu’n cuireadh i a h-aghaidh ri fairge. Thug e latha eile a’ ruigheachd Bhaddeck, agus fhuair e eadar Baddeck us Margaree ann an carbad, a’ paigheadh coig dolair do’n fhear do ’m buinneadh e. Bithear a ’gearan air cho doirbh ’sa tha e astar a dheanamh ann an Ceap Breatuinn eadhon gus a nise, ach tha e furasd’ fhaicinn gu bheil adhartas mor air an dùthaich anns an dòigh sin seach mar a bha i. Is suarach na doirbheadasan a thachras ri fear-siubhial an diugh an taca ris an ànnradh a gheibheadh e ’s na h-amannan ud. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair. STOR UR TAILLEARACHD, Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair, MacCoinnich & Co. Sidni, C B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoriah Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 213] [Vol. 5. No. 28. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Comhairle na siorrachd cruinn air an t-seachdain so, mar a tha Comhairle gach siorrachd eile am mor-roinn Nobha Scotia. Aithnichear air an fheasgar gu bheil an latha fas gu math na’s fhaide. Tha na feasgair a nise mu fhichead mionaid na’s fhaide na bha iad aig Bliadhn’ Uir. Tha muinntir Shidni Tuath a’ bruidhinn air ainm a bhaile atharrachadh gu “Port Cabot.” O’n is i so an ceathramh ceud bliadhna an deigh do Chabot an dùthaich so fhaighinn a mach, bhiodh e ’na ni gle fhreagarrach am baile ainmeachadh air. Cha’n eil a phris gle mhath air bian nan ròn air an fhoghar so. Tha féill bhian gu bhi ann an Lunnainn an ùine ghoirid, agus mur teid na prisean na’s àirde aig an àm sin na tha iad, tha moran de na soithichean nach teid a mach idir. Tha coig soithichean fichead ann a Victoria a feitheamh gus am faigh iad fios. Tha coinneamh mhor gu bhi aig muinntir nan comunnan stuamachd ann a Hogamah air Di-mairt an darra latha dhe’n ath mhios. ’S iad na Good Templars a tha cur mu dheibhinn na coinneamh, ach tha sùil ris na comunnan eile bhi comhla riutha. Gheibhear gu Hogamah á Sidni, agus air ais an latha sin, air $1.86. Oidhche Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh, ann an cearna de shiorrachd King’s, ann an New Brunswich, bhatar a’ cur a stigh fear Deòrsa Gay mar phost-mhaighstir. Chaidh e mach a chur air falbh gillean a bha deanamh gleadhraich mu’n tigh; thuit e air an deigh, agus chaidh a mharbhadh leis a bhuille fhuair e. Chaidh soitheach do’m b’ aimn Warwick a long-bhristeadh faisg air St. John, N. B., mu Nollaig, agus aig a chùirt a bh’ aca air son fhaotainn a mach ciod a dh’ aobharraich an sgiorradh, fhuaireadh a mach gu robh an sgioba uile gu léir air an daoraich aig an àm ’s gu’m b’e sin bu choireach ri call an t-soithich, Tha an sgiobair co-dhiu a dol as àicheadh sin, agus ag radh nach robh ’n daòrach air duine bh’ air bòrd. Tha cùirt ’na suidhe bho Dhi-màirt s’a chaidh ann an Dorchester, N. B., a’ feuchainn IainShullivan air son mort Mrs, Dutcher agus a mic, agus ionnsuidh a thoirt aig a cheart àm air an nighinn bhig a mharbhadh. Tha an nighean a nise air a dhol am feobhas, agus bidh i comasach air fianuis a thoirt. Tha fear-lagha ’Chrùin ag radh gu’n dean a fianuis-se Sullivan a dhiteadh. Tha e gle choltach gur h-e tha ciontach. Tha daoine beairteach Ontario a’ cur moran airgeid ann am mèinnean òir Cholumbia Bhreatunnaich Cheannaich aon chuideachd a th’ ann an Toronto mèinn ann an Rossland an la roimhe, agus phàigh iad ochd ceud gu leth mile dolair oirre. Tha a’ mhèinn so cho beairteach ’s gu’n cuir i mach fiach leth-cheud mile dolair ’sa mhios, a bharrachd air an obair a phàigheadh, agus cha’n eil i air a h-obrachadh gle mhath fhathast. Ré àireamh mhor bhliadhnaichean bha seann chrois aca an an Oil-thigh Harvard, ’s na Staitean, ris an canadh iad Crois Louisburg. Thatar ag radh gu’n d’ fhuaireadh i ann an eaglais Louisburg ’nuair a chaidh a ghlacadh o na Frangaich an toiseach, o chionn ceud gu leth bliadhna air ais. Bha i ann an seòmar-leabhraichean an oil-thigh gus o chionn beagan us bliadhn’ air ais, ’nuair a chaidh a goid, ’s cha robh fhios ciod a dh’ éirich dh’ i. An la roimhe chaidh a cur air ais air an doigh ’s an d’ thugadh air falbh i, gun fhios co rinn e. Cha robh ni ’san oil-thigh air am mò bha iad a’ cur de luach na air a chrois so, agus tha aoibhneas gu leòr orra air son a faotainn air ais. Tha coig piosan fearainn ann an stàit New York air a chur air leth air son nan Innseanach; agus tha e air a radh nach eil aon làn-Innseanach anns an stàit air fad. Tha seana chàraid Fhrangach a mhuinntir Chanada a fuireach ann an St. Paul’s, Minn., a tha pòsda o chionn cheithir fichead bliadhna, ’S e Louis Darwin is ainm do’n duine; tha e ceud bliadhna ’sa seachd a dh’ aois, agus tha ise ceud ’sa h-aon. Tha pàrlamaid Chuibeic air sgaoileadh. Tha pàrlamaid ùr ri bhi air a taghadh mu’n cruinnich i rithist. Cha ruigear a leas innse gu bheil làn dhùil aig an da thaobh ris a chuid a’s fhearr a bhi aca dheth. ’S iad na Conservatives a bha ann an dreuchd roimhe so. Chaidh duin’ òg a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa, d’ am b’ ainm Gallant, a mharbhadh air an rathad-iaruinn ann am Maine o chionn ghoirid, Bha e tigh’nn bhar a’ charbaid agus thuit e fodha. Chaidh a dha chois a ghearradh dheth. Cha robh e ach tri bliadhna fichead a dh’ aois. Chaochail mathair Professor Bell ann am baile Washington a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh. Bha i gle shean, agus cha robh i tinn ach mu sheachdain mu’n do chaochail i. Bha i fhéin ’sa fear cuideachd leth-cheud bliadhna ’sa dha. Bha a bhanais òir aca air a Bheinn Bhriagh am Baddeck ’san t-samhradh 1894. Chaidh duine dubh a chrochadh gu mi-laghail ann an cearna de Charolina a’ Deas air an t-seachdain s’a chaidh. Bha amhrus ac’ air gu’n do chuir e sabhal ’na theine, agus chaidh a thoirt gu cùirt, ach cha d’ fhuaireadh fianuis sam bith ’na aghaidh. An ath mhaduinn chaidh a thoirt as a’ phriosan le buidheann dhaoine, agus a chrochadh. Chaidh seann duine da’m b’ ainm Sprigg, a bha fuireach faisg air Halifax, do’n choille aon latha deireadh na seachdain ’sa chaidh a ghearradh fiodha. Cha do thill e ’nuair a bha dùil ris, agus chaidh a chàirdean ’ga iarraidh. Fhuair iad ’ad air an deigh air loch a bha faisg air a dhachaidh. Cha d’ fhuaireadh a chorp ’nuair a thainig am fios toiseach na seachdain so. Rainig soitheach-smùide Boston an la roimhe, agus an deigh dhi ruigheachd fhuaireadh a mach gu robh an sgiobair, do ’m b’ ainm Taylor, an deigh tigh’nn ri ’bheatha fhéin air an turus. O chionn che’-la-deug, bhuail an soitheach aige ann an soitheach beag eile, agus chaidh dithis de na bh’ oirre sin a bhàthadh. Bha Taylor na sgiobair o chionn dheich bliadhna fichead, agus cha do thachair sgiorradh dha riamh roimhe. Dh’ oibrich sin air an inntinn aige cho dona ’s gu’n do chuir e crioch air fhéin. Tha aig na bailtean ri bhi taghadh luchd-comhairle air son bliadhn’ eile, a cheud Di-màirt dhe’n ath mhios. Ann an Sidni tha Mr. Walter Crowe agus Mr. Wallace Richardson a ruith an aghaidh a’ chéile air son dreuchd a mhayor. Cha’n eil a ruith air son luchd-comhairle, ach Nelson Muggah anns a cheud earainn dhe’n bhaile, Isaac Greenwell anns an darra earrainn, agus Domhnull Domhnullach agus Seumas Gordan anns an treas earainn. Mar sin cha bhi bhòtadh ri dheanamh air son fear-comhairle ach a mhàin anns an treas earainn. Tha moran de chàirdean MHIC-TALLA an deigh an cuid dholar a chur ’ga ionnsuidh, agus tha sinn fada ’nan comain, ach tha moran o nach cuala sinn fhathast, Tha sinn an dochas co-dhiu nach eil iad sin a’ dol a chur an còrr dàil anns a’ chuis, agus gu’m bi an cuid airgeid againn an ùine ghoirid. Cha’n eil ach aon dòigh air paipear a chumail air a chasan gu math, agus ’se sin an luchd-gabhail a bhi ga phàigheadh gu riaghailteach. Tha fhios againnn gur e dùrachd gach aon a tha ’gabhail MHIC-TALLA gu’n soirbhich leis gu math, agus tha sinn an dòchas gu’m bi an gniomh a réir an dùrachd. THA sinn a creic gach seorsa de dh’ aodaichean Deante. Cha’n eil aite ’sa bhaile ’sam faigh thu bargain cho math. Taghail againn agus faic. D. J. Domhnullach. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 214] [Vol. 5. No. 28. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 211.) thachair gu truagh do Alba, ’n uair a bha e fathast; an tréin’ a neart. Bha an rìgh air thurus o Dhunéidean gu àite tàimheachd a bh’ aige ann am Fiofa. B’ ann rathad Port na Bàn-righ a ghabh e le tearc de luchd-coimheadachd. Thàing dorchadas na h-oidhch’ orra faisg air àite ris an abrar Cinghorn. Bha ’n luchd-coimheadachd air son an oidhche ’chur seachad far an robh iad, ’s an turus a ghabhail ri solus an là. Ach cha robh an righ idir air son stad, ’s ghabh iad uil’ air-aghart. ’N uair a bha iad a’ dol seachad aig ceann creig àird a bha rompa, shleamhnaich an t-each a bha fodha, ’s chaidh an t-ainmhidh ’s am marcach còmhladh leis a’ chreig. ’N uair a ràinig a luchd-leanmhuinn an t-àit’ an robh e aig bonn na creige bha e marbh. Bha sin mu mheadhon dara mios an earraich, ’s a’ bhliadhna 1286. Rinneadh caoidh mhòr air a shon an Alba. ’S iad na marbh-rainnean a rinneadh dha sgriobhuidhean co sean ’s air ’bheil iomradh ’s a’ chainnt Albannaich. Seallaidh sluagh na dùthcha an dearbh àit’ ’s an deachaidh an rìgh as an rathad ged tha corr ’us sea ceud blìadhna o thachair an call. Cuairt do Eilean a’ Phrionnsa. LEIS AN FHEAR DHEASACHAIDH. ’S fheudar dhomh iomradh mo chuairt do Eilean a Phrionnsa a thoirt gu crich. Bha na h-uiread de nithean eile air laimh gus an cur ’sa MHAC-TALLA ’s nach robh rùm ann do na bh’ agamsa ri radh. Ach ’se mo bharail nach dean an luchd-leughaidh gearan sam bith a thaobh sin. An deigh dhomh beannachd fhàgail aig mo dheagh charaid, Seumas A. Mac-Ille-Mhaoil, chuir mi m’ aghaidh air Valleyfield. Air an t-slighe an sin bha agam ri dhol troimh Bhelfast, sgireachd fharsuing anns am bheil moran de Ghàidheil, agus iad uile gu math air an doigh. ’S ann an sin t tha ’n t-Urr. A. MacGilleain Sinclair a saoithreachadh. Bha romham taghal air an duin’-uasal chòir sin, ach bha e ann an Nobha Scotia aig an àm, agus mar sin cha’n fhaca mi idir e. Chaidh mi gu Valleyfield, agus an sin ga Heatherdale. Cha’n eil an so ach Gàidheil air fad, agus ma’s math mo chuimhne ’se Sgiathanaich a th’ anns a’ chuid a’s motha dhiubh. Bha iad aig an àm so gu math trang ris a bhuain, ach cha robh iad a faotainn air adhart gle mhath leatha. Bha an t-uisge tighinn gu math tric, agus cha robh an t-arbhar a faighinn cothrom air tiormachadh. Le e bhi air a cheangal ann an sguaban bheir e barrachd mòr ùine a’ tiormachadh na bheir e air an dòigh a thatar a gabhail dha air an eilean so. Ach bha ’n t-seachdain an deigh dhomh an t-Eilean fhàgail gle thioram, agus tha mi tuigsinn gu’n d’ fhuaireadh an t-arbhar a chur fo dhion, gun dolaidh sam bith a thighinn air. Mar anns gach cearn eile dhe’n eilean tha ’n sluagh a’ deanamh am beolaind air toradh na talmhainn,—a togail bàrr trom de choirce, de chruithneachd, ’s de bhuntata, agus ’ga chreic far an fhearr a gheibh iad pris air. O chionn treis a bhliadhnaichean air ais, cha robh na prisean ach dona, agus mar sin cha’n eil cor cuid de na tuathanaich cho math ’s bu mhath le duin’ fhaicinn. Ach an deigh sin tha iad uile gle chomhartail, gun dith no deireas orra. Cluinnear gun teagamh gearan ’nam measg, ach cha’n fhaighear sluagh an àite sam bith nach bi ri bheag no mhor dhe sin. Tha e fior gu leòr gu bheil camadh ’sa chrannchur aig gach neach, biodh e bochd no beairteach, iseal no uasal. Chuir mi seachad a dha no tri lathaichean toilichte ann a Heatherdale. Thachair mi an sin air moran de mo chàirdean, agus ged nach fhaca sinn a chéile riamh o’n dh’ fhàg ar seanairean Eilean a Cheò, cha b’ fhada gus an robh sinn eòlach air a chéile. “Coinnichidh na daoine ged nach coinnich na cnoic,” agus ’nuair a choinnicheas ni iad furan ri chéile. Chuir mi a chuid bu mhotha dhe ’n ùine seachad air aoidheachd aig mo charaid Adhamh MacFhionghain, a nochd moran caoimhneis rium. Cha robh fhios agam riamh roimhe gur h-ann de Chloinn Fhionghain a bha Adhamh, ach feumaidh gur ann, neo cha bhiodh ’ainm ’nam measg gus an latha ’n diugh. Tha an sluagh ann a’ Valleyfield agus ann a Heatherdale cho Gàidhealach tha mi creidsinn ’sa gheibhear ann an àite sam bith an Canada. Tha a Ghàilig ’ga searmonachadh gach sàbaid us seachdain leis an Urr. Ruairidh MacGilleain, air am bheil eòlas aig cuid a mhuinntir Cheap Breatuinn, agus a tha saoithreachadh anns an sgireachd so o chionn àireamh bhliadhnaichean. Cha’n eil ach gle bheag anns a’ choithional nach tuig Gàilig, agus nach eil gle mheasail oirre. Tha tri no ceithir de choithionalan eile timchioll air Valleyfield anns nach eil a bheag sam bith ach Gàidheil. Thug mi fa-near ann an Eilean a’ Phrionnsa, mar a dh’fhaodar a thoirt fa-near air an eilean so fhéin, gu bheil àiteachan ann anns am bheil na Gàidheil an deigh an cuid Gàilig a dhiochuimhneachadh, no mur eil tha iad a deanamh an uile dhichioll air a bhi ga cleith. Tachraidh daoine ort air an aithnich thu gun dragh sam bith gur i Ghàilig a’s fhearr a th’ aca, ach cha bhruidhinn iad aon lide dhi riut mu toir thu orra dh’ an aindeoin. Aig cloinn na feadhnach sin, cha’n eil facal de chainnt an sinnsir, agus faodar gu fior an cur am measg nan daoine mu’n d’thuirt am bàrd, “Chaill iad a’ Ghàilig ’s na b’ fhearr cha d’fhuair iad.” Agus a Bheurla th’ aig moran dhiubhsan a ni tàir air a Ghàilig! cha bhiodh i agam air son na chunnaic mi riamh, na’n gabhadh i idir seachnadh dhomh. Thachair corra fhear dhe’n t-seòrsa ud orm ann an Eilean a’ Phrionnsa, ach cha do chuir iad ioghnadh sam bith orm. Dh’ fhaodainn a ràdh riutha mar a thuirt am fear roimhe ris a bhochdan ’nuair a thainig e ’na rathad, “Teann a laochain; chunnaic mise do leithid roimhe.” Ach cha bhi mi taruinn an còrr ùine ’bruidhinn mu’n t-seors’ ud. Cha b’ ann riutha bha mo ghnothuch air Eilean a’ Phrionnsa, agus ge b’e càite ’n do thachair iad orm cha do thachair gin dhiubh orm ann a Valleyfield no ann a Heatherdale. Cha’n eil duine an sin, dhe’n fheadhain òga co-dhiu, aig nach eil Beurla gu leòr, agus cha’n eil ach gann duine nach labhair a’ Ghàilig gu glan, fileanta. Dh’ fhàg mi beannachd aig na càirdean ann a Heatherdale ’sa mhaduinn Di-luain. Thainig Adam leam gu Drochaid Mhontague; as a sin ghabh mi am bàta gu Baile-Sheòrais; agus as a sin ghabh mi air an rathad-iaruinn gu Baile-Shearlot. ’Sa mhaduinn Di-mairt dh’fhalbh mi air an St. Lawrence, a rinn mo chur gu sàbhailte ann am Pictou. An sin cha robh ach a dhol air an rathad-iaruinn a rithist, agus mar a tha fhios agaibh o chionn fhada fhuair mi dhachaidh gu sàbhailte. Chòrd mo thurus do Eilean a Phrionnsa rium gle mhath. Cha robh aithreachas orm air son a dhol ann; ’s ann a bha mi duilich an ùine bhi cho fior ghoirid ’s nach d’ fhuair mi dhol air fhsadh mar bu mhiann leam. ’S iomadh uair a chuala mi bhi moladh an eilein àluinn so, agus an deigh dhomh fhéin fhaicinn, tha fhios agam nach robhas ’ga mholladh tuilleadh ’sa chòir, ach gur math is airidh e air an ainm a thugadh dha “Gàradh a Ghulf.” Bha an sluagh a thachair orm cho caoimhneil ’s cho càirdeil ’s ged a b’ ann air mo sheann eòlas a bhithinn, an àite bhi ’nam choigreach mar a bha mi. Dh’ fhàg mi an t-Eilean an dòchas nach biodh an ùine fada gus am faighinn cothrom air a dhol ann a rithist, agus a’ guidhe dhaibhsan d’ an dachaidh e, sith, sonas, agus soirbheachadh, an latha chi ’s nach fhaic. Am measg nan Negritach, nàisinnich nan Eileanan Phillipach, ’nuair a tha càraid ri bhi air am pòsadh, tha ’n treubh uile air an tional còmhladh, agus tha acasan a tha gu bhi air am pòsadh ri direadh am bàrr da chraoibh a tha fàs faisg air a chéile. Tha na seann daoine an sin a lubadh nan craobhan gus an tig cinn na càraide cuideachd agus ’nuair a nithear sin tha ’m pòsadh deanta, agus tòisichidh cridhealas us aighear na bainnse. Ann an dùthchannan na h-àird an ear tha na boirionnaich a deanamh a mhaistridh air an aon dòigh air an robh an sinnsearan ’ga dheanamh o chionn cheudan bliadhna air ais. ’Se ’n crannachan a th’ aca craicionn gabhair air fhuaigheal air dòigh ’s gun cum e ’n t-uachdar a cheart cho sgiobalta ’sa chumas crannachan fiodha. Crochaidh iad an cranachan sin ri gobhlaig agus tulgaidh iad a null ’sa nall e gus an tig an t-im air. Tha còig ceud, ’s ceithir fichead us seachd canain air a labhairt anns an Roinn-Eòrpa. Tha còrr us tri mile cànain air an t-saoghal. [TD 215] [Vol. 5. No. 28. p. 7] Freasdal De. Tha ’ghrian ghlòrmhor air dol gu clos san iar: tha drùchd an anmoich a’ braonadh gu làr: tha ’n aile bha teith air fàs fionnar: tha na blàithean a’ pasgadh an duileagan riomhach; tha iad ’ga ’n cruinneachadh féin suas, ag aomadh an cinn gach aon air a chois mhaoth. Chruinnich a’ chearc a h-àl fo a sgiathan; tha iad aig fois; tha mhathair-ghuir aig clos mar an ceudna. Phaisg na h-eòin bheaga ’n ribheid; sguir an ceileirean binn; tha iad ’nan codal air na geugaibh, gach aon ’s a cheann fo ’sgéith. Cha chluinnear srann nan seillein mu ’n chòinneig, no am measg nam blàithean milis: chriochnaich iad an obair, agus tha iad ’nan luidhe gu dlù ’nan seòmraichibh céire. Tha na caoraich fo thàmh air an rùsgaibh tlà, agus cha chluinnear an àrd-mhèilich ni’s fhaide air a bheinn. Cha chluinnear fuaim nan ioma guth, no sùgradh na cloinne-bige, no dian-thailmrich chos, no co’-ghairm sluaigh a null ’s a nall. Cha chluinnear òrd a ghobha air an innein, no tuireasg an t-saoir le ’thoirm sheirbh. Tha gach aon sìnte air a leabaidh thàimh, agus tha an eaoidhein ’na shuain air broilleach a mhàthar. Tha dorchadas air aghaidh nan speur, agus tiugh-dhorchadas air an talamh: tha gach sùil dùinte, agus gach làmh gun ghluasad. Co tha gabhail cùram do ’n t-sluagh, am feadh a tha iad ’nan trom-shuain; an uair nach urrainn iad iad féin a dhion, no cunnart fhaicinn a tha dlùthachadh? Tha sùil ann air nach aom suain; tha sùil ann a chi annan dorchadas na h-oidhche, mar air àird a mheadhon-là. An uair nach ’eil solus gréine no soillse gealaich ann; ’nuair nach ’eil lòchran san tigh, no aon reull ruiteach ag amharc amach troimh dhuibhre neòil; chi an t-sùil sin anns gach ionad, agus tha i do ghnà a faireadh thairis air uile theaghlaichean an domhain. ’S le Dia an t-sùil nach coidil; tha a làmh do ghnà mu’n cuairt duinn. An uair a bha sinn sgith, dh’ath-bheothaich e sinn le codal na h-oidhche. Chruthaich e ’n oidhche chum fois a ghabhail ann an sith. Mar tha ’mhàthair chaomh a’ gluasad gu sèimh sàmhach feadh an taighe, a’ cur cosg air gach fuaim, mu’n dùisgear am maothran as a shuain; mar tha i le sgàil a’ dùnadh a mach an t-soluis o shùilibh maoth; mar sin tha Dia a’ tarruing ciar-bhrat an dorchadais m’ar timchioll; agus ag àithneadh sàmhchair agus fois, chum gu’n coidleadh a mhòr theaghlach féin ann an sith. Sibhse, dhaoine, a tha air ur claoidh le saothair, agus a leanaba òga, agus gach creutair a’s faoine agus a’s laige, coidlibh gu sàmhach; tha Dia a’ faireadh thairis oirbh. Feudaidh sibhse codal, oir cha choidil esan: dùinibhse ’ur sùilean ann an tearuinteachd, oir tha a shùil-san do ghnà fosgailte chum ’ur dion. ’Nuair a theid an dorchadas thairis, agus a bhriseas an òg-mhaduinn air ’ur sùilibh, tòisichibh an là le moladh Dhé, a ghabh cùram dhibh trid dorchadas na h-oidhche. A bhlàithean àillidh, an uair a dh’fhosglas sibhse a mach as ùr, sgaoilibh ’ur duileach, agus thugaibh ’ur fàile a’s cùbhraidh mar mholadh d’a ainm. Eòin is moiche ’dhùisgeas, tairgibh dhàsan ’ur ceileirean taingeil air geugaibh nan craobh! seinnibh dhà-san mu’n seinn sibh ’ur n-òran gaoil. Biodh moladh Dhé air ’ur cridheachaibh ’nuair a luidheas sibh sios, biodh a chliù air ’ur bilibh ’nuair a mhosglas sibh gu moch.—Leabhar nan Cnoc. Bha stoirm mhor uisge ann an ceann a tuath Stait Illinois o chionn che-la-deug, agus thatar ag radh gur h-i stoirm bu mhiosa bh’ ann o chionn àireamh bhliadhnaichean. Shil an t-uisge gun stad fad thri latha. Ann an àiteachan iseal bha ’n t-uisge cho domhain ’s gu’m b’fheudar a bhi ’g ùisneachadh bhàtaichean. Cha’n eil righ no iompaire anns an Roinn-Eòrpa aig nach eil airgead-urrais air a bheatha ach Sàr Ruisia a mhàin. Tha a bheatha-san ann an cunnart cho mor ’s nach eil cuideachd-urrais ri fhaotainn a ghabhas gnothuch ris. Chaochail duin’ uasal ann am Vienna o chionn ghoirid, agus ’na thiomnadh dh’aithn e d’a dhi[?]eabaich da lampa electric a chumail laiste, té anns an uaigh aige agus te eile am broinn na ciste—fad bliadhna an deigh a bhàis. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. “Eagle Parlor” Matches Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe. Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhiubh idir. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, MONTREAL, TORONTO. [TD 216] [Vol. 5. No. 28. p. 8] Dan Gaoil. Am chadal chunna mi ’n raoir Oigh mo ghaoil ’s i sìnte leam; Las m’ anam le sòlas a suas; Ochoin! gar bruadar a bh’ ann. Cadal cha ’n fhaigh mi no suain; Aighear cha ghluais mi no ceol, Mo leigheas cha ’n ’eil aig leigh, Ach agad fhein, a mhaighdean òg. ’Mhaighdean òg gur tu mo leigh; Amhairc ort fein ’s dean a choir. Na leig dhomhsa bhi ’dol bàs, Is furtachd do ghràdh ’s do phòg. An ann gus mise chur eug ’Rinneadh do bheul corcra ciuin; Do ghruaidh tha mar chaorann nan geug, Do lamh gheal reidh ’s do dhreach ur? Do shuil ghorm fo d’ chaomh rosg? Do chas gheal nach dochainn brog? Ged nach faighinn—s’ thu gu brath Dh’ iarrainn dhuit gach agh ri d’ bheo. Eibhinn dhuit, a mhaighdean òg, A’s millse pog ’s a’s gille deud, Buinidh moladh dhuit ’s gach doigh, ’S tu flùr nan oighean gu leir. Thug thu barrachd air gach te A chunnaic ri m’ ré mo shuil, Mur tu nighean righ na Greig’ Cha ’n fhidir mi-fein co thu. Oran Gaoil. [So an t-òran air an d’ thug “Mac Dhomhnuill Bhreabadair” iomradh anns an àireamh mu dheireadh.] Och mar tha mi is mi a’m ònar, ’S cianail tha mi ri cumha Flòraidh; Mo chheann air liathadh ri cronan cianail ’S a Chléir neo-thiarail a dion a phòsaidh. Nach truagh mo chàradh le inntinn luaineach, Gun dreach, gun tuar, bho Dhi-luain na còisridh, Mar uan gun mhàthair ’dol aog air àiridh, Nach taobh ri càch, ’s nach dean tàmh le shaòrsa. Och mar tha mi, etc. Cha b’ fhada ’n ùine bha sinn le chéile, Ach ’s goirt an eucail a thug e dhòmhsa, ’Tha ’n diugh cho deurach ag altrum chreuchdan Cho fad o ’n te dheanadh leigh do m’ dhòruinn. Ged theid mi chadal ’s ann bhios mi bruadar Gu bheil thu luaidh air a chluasaig comhl’ rium, Mo lamh fodh n chuailean tha disneach, dualach, Gun dragh gun uallach bho ’n fhuair sinn còmhladh. ’Nuair thig a mhaduinn gu’n teich mo shùgradh Mar nial a shiùbhlas, no driùchd air neònan, Ni sud mo chiùradh, ’s mo chridhe sgrùdadh A caoidh an dùsgaidh a spuill mo shòlas. ’Se fath mo mhighean a rinn mo leireadh Gun dearsa gréin a bhi ’n speur mo dhòchais, Ach neòil ro ghruamach gu mall a’ gluasad A ghaoth a nuallaich, ’s an cuan a bòilich. Cha chluinn mi smeòrach ’s a mhaduinn chéitein, No uiseag éibhinn ’cur séisd air òran; Tha cheòlraidh tùrsach gun cheòl gun sùgradh, ’S a chruit air tùchadh le dùrdan brònach. Tha mo chàirdean an dùil nach buan dhomh, Ag radh gur buamastair truagh gun dòigh mi, ’Toirt gaol mi chiallach do chaileig sgiamhaich ’Nuair dh’ fhaodas ceud bhi ga h-iarraidh còmhladh. Nach mi bha gòrach ’nuair thug mi gaol dhuit ’Us cach a saoilsinn nach faod sinn còrdadh, ’S gun mis’ ach truaghan gun chrodh, gun chruachan, Gun mhaoin, gun bhuannachd, a chumadh doigh ort? Ach bi mi ’n dùil aig a faic mi chaochladh A chaileag ghaolaich na maoth-shùil bòidhich, Nach dùilt thu àite dhomh measg do chàirdean ’S gun gabh thu gradh uam an àite stòrais. ’S beag an t-ioghnadh ged thug mi spéis dhuit, A chruinneag éibhinn nan ceuman còmhnard; Tha stuam ad’ ghiùlan ’s do bheusan cliùiteach, Gun char gun lùb o do chrùn gu d’ bhrògan. Gur tiarail, caoimhneil, do shùil a boisgeadh Le gean us aoibhneas nach toill a m’ òran, Mar ghrian ag éiridh air cùl an t-sléibhe Le solus sèimh cur gach beud air fògradh. B’e mo mhiann a bhi leat am’ aonar ’S gum faighinn daonnan uat saors’ us sòlas, Bhiodh eòin an t-sléibhe nan tosd ag éisdeachd ’Nuair rachadh m’ eudail chur séisd air òran. ’S tu shiol nam fiùram bha tùrail, treubhach, Bu tric rinn euchd ann an streup ’s an còmhraig; Bha “Duart” ainmeil le ’dhaoine calma, Cho deas fodh ’n armachd, ’s gun chearb ’an còmhstri. Leugh ar càirdean litir “Chabair-Feidh,” anns an àireamh mu dheireadh, agus mar a bha e ’g iarraidh suim airgeid a chur cruinn air son a bhi ’ga roinn mar dhuaisean air na maighstirean-sgoile a b’fhearr a bha teagasg na Gàilig air feadh na Gàidhealtachd. Chuir fear-deasachaidh a phaipeir dh’ ionnsuidh ’n do sgriobhadh an litir (The Highland News) ainm sios air ball air son gini, agus cha’n eil teagamh againn nach eil moran eile air an ainmean a chur sios roimhe so. ’Se ar barail gu’m bi na duaisean so ’nam meadhon air daoine dhùsgadh suas gu bhi toirt am barrachd aire do theagasg na Gàilig anns na sgoilean. Tha “Cabar-Féidh” dileas d’a chànain. Gu ma fada beò e! Bha cruinneachadh aig na Sgiahanaich ann am baile Ghlascho o chionn ghoirid. Thuirt fear dhiubh-san a bha làthair, ann an òraid a liubhair e, ged nach b’ urrainn do Shasuinn no do dh’ Alba ainmeachadh orra fhéin ach da bhana-bhàrd, gu’n do dh’ àraich an t-Eilean Sgiathanach dhiubh na lionadh darra taobh an taighe leotha fhéin. LEIGHEAS BUAN. Sgriobh an t-Urr. Hy. Carter, Maddock, Springfield, P. E. I., mar a leanas, ann an Iun, 1895:—“Cha’n urrainn do m’ mhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dh’ fhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mor ’s nach b’ urrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gu’m faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh e ’deanamh feum dhi, agus fada mu ’n do chuir i crioch air da bhotull bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.” Tha an litir so a nochdadh an éifeachd a th’ ann an K. D. C. agus tha ’n té a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, còrr us bliadhna ’n deigh so, “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slàn, ’s gu’n a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaibh e. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; [TD 217] [Vol. 5. No. 29. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 23, 1897. No. 29. An Ceol Gaidhealach. Tha mi toilichte fhaicinn gu bheil thu feuchainn ri clarsach nam beann a dhùsgadh á suain, agus a téudan meirgeach a’ ghleusadh as ùr, ann a bhi toirt dhuinn bho sheachduin gu seachduin, cuid dhe na luinneagan gaoil, agus na duanagan faireachail, a bha air an cur ri cheile, agus air an seinn air feadh nan srath agus nan gleann, le cridheachan blàth nan gaisgeach treun a dh’ fhalbh agus nach pill. Agus ma tha ni air bith is mo na cheile, a tha cur neul dorch air spiorad Gaidheal an la ’n diugh, ’se cho beag suim sa tha iad a sa tha iad a gabhail do cheòl, do bhàrdachd, agus do chainnt an duthcha. Oir se sin na tri sruthanan bho ’n urrainn sinn eòlas coimhlionta fhaotainn air cleachdadh agus eachdruidh ar sinnsir. Bha moran coire aig cuid do mhinistirean na Gaidhealtachd ann a bhi cur bachdadh air, mar a their iad, orain dhiomhain. Cha’n eil teagamh nach ann le deadh rùn, agus air son maith an t-sluaigh a bha iad a deanamh sin. Ach tha iomadh diomhanas ann ar la agus ann ar linn, a tha pailt cho cronail do chorp agus do dh’ inntinn, ’sa bha e anns na laithean a dh’ fhalbh do mhaighdein no do dh’ òganach, an cridhe fhosgladh le duanag ghaoil a sheinn air araidh a ghlinne, no ann an doire na smeòraich. Saoil co ’s fallaine suidheachadh inntinn moran do dh’ òigridh an la ’n diugh a tighinn dhachaidh air a mheadhon oidhche, bho thaighean cluich agus òil, na suidheachadh inntinn an òganaich Ghaidhealaich, a sniomh a dhuanaig air a chrann, na g-ualach na spréidhe, a seinn air gaol na h-oighe da ’n d’ thug e spéis an la roimhe sin. Mo roghain ’s mo rùn a chunnaic mi n de, Gu’n taghainn dhomh fein gun stòras i, Mo roghain ’s no rùn a chunnaic mi ’n de. Latha dhomh ’s mi falbh na fuar-bheann, Thachair gruagach bhoidheach rium. Mo roghain, &c. Bha i fodha gu da ghualain, ’S i ri buain a logaire. Mo roghainn, &c. Shuidh mi air an tolman ghrianach, ’S dh’ iarr mi ’n iasad pòg orra. Mo roghain, &c. Tha barail mhor aig daoine an diugh air am buadhan agus an tapachd fein thairis air na linntinn a bha air thoiseach orra, ach cha chreid mi gum bu mhisde sinn beagan tuilleadh a bhi againn dhe ’n tairisneachd, agus dhe na spiorad chàirdeil agus bhlàth, bha aig na seann Ghaidheil dha cheile. C’ ait am faighear òigfhear an diugh a caoidh a leannain le faireachadh cho beò agus cho blàth, ’s a bha aig an òganach Ghaidhealach a rinn an t-òran ciatach, air a bheil ceòl cho tiamhaidh agus cho binn, ’s a tha sa chànain Ghàilig? Oh! bu toigh leam thu nighneag; Bu ro thoigh leam thu nighneag, Mo sgeula dubhach ri innse, Thu bhi na ’d shineadh fo’n fhòd. ’S trom do chadal ’s gur buan e; ’S lom do leabaidh ’s gur fuar i, Cha ’n eisd thu ri m’ dhuan-sa; ’S cha ghluais thu ri m’ cheòl. Oh! bu, &c. Tha gach ròs anns a ghàradh, ’S iad a sgaoileadh am blàthan, Ach tha ’m fear so dhiubh bhàsaich, Greis mu ’n tainig trath neoin. Oh! bu, &c. Cha ’n e mhàin gaol agus cumha, ach cha ’n eil suidheachadh inntinn am biodh an Gaidheal, co dhiubh ’s e aighear no bròn, soirbheachadh no doirbheachadh, nach e duanag orain am plàsta chuireadh e ris an leòn aige. Cha ’n e gu bheil fior bhàrdachd ann am mòran dhe na duanagan so; ach tha e leigeadh fhaicinn inntinn gheur agus bheò aig ar sinnsir, agus an luach mor a bha iad a cur air ceòl agus bàrdachd. Ma bha ni air bith airidh air a chumail air chuimhne, dh’ fheumadh e bhi ann a rainn; cha ’n eil dosguinn a thachradh, thall na bhos, air féill na banais, nach feumadh duanag a bhi air. Se ’n spiorad sin a bhrosnaich gu bàrdachd am bodach còir a chaidh thun na féile leis an each “odhar” agus a dh’ òl e mun d’ rainig e dhachaidh, agus ged nach robh na h-eich odhar cho daor an trath sin sa tha iad an diugh, cha ’n eil teagamh nach faca ’m bodach gun tug mac-na-braiche a char as, agus firinn an t-sean-fhacail a thuirt, “ge milis am fion ri òl, ’s daor ri phaigheadh e” nuair a chuir e ri cheile an duanag cheòlmhor dhe’n toir mi rann na dha. Sud mar bhuilich mi ’n t-each odhar, Thug mi thun na féille fodham, Nuair a shaoil mi chuir air teadhair, ’S ann a gheibhinn dram dhe. Greiseag mu’u tainig an latha, Sheall mi mach gu ceann an taighe, Chunnaie mi ’n talamh ’s an t-athar, ’S balla ’n taighe dannsa, Cha robh agam far na féille, Dhe m’ghearran a b-àird a leumadh, Ach tri facail do dhroch bheurla, ’S bha mi fein an call dhe. Tha na ciadan fathast air feadh na dùthcha do dh’ òrain luaidh, òrain seilg, agus iomaraidh, agus moran do thaladh chloinne, air a bheil ceòl anabarrach ciatach, nach robh riamh an clò, agus mar a teid an tional, a bhios an ùine ghearr far a bheil iadsan a chuir ri, cheile iad, ann an tir na di-chuimhn. Faodaidh cuid a bhi ’g radh nach eil ann a bhi dùsgadh na nithe so ach faoineis, agus faodaidh sin a bhi ceart, nach eil iad ach faoin annta fein. Ach cha mheasair mar fhaoineis iad le siol nan sonn a chaidh fhuadach bho thir nam beann, agus a tha air an sgapadh bho cheile feadh rioghachdan céin. Dùisgidh iad iomadh cuimhneachan blàth na ’n com-san air glinn an òige, far a bheil duslach an aithrichean na suain, duslach nan laoch treun a sheasadh cliù agus onair an dùthcha ri àm a chruadail. ’S tric a chog iad fo baratach na h-Alba, leis an d’ fhàg iad an dùthaich saor agus an eachdraidh gun truaileadh. Ged Tha sliochd air a fuadach bho’n tir, ’S bho na fardaichean inntinneach pailt, Far na labhradh a Ghailig gach linn, Ann a ranntachd gun mhi-run nam beachd. Tha na h-ùghdair a shaoraich i suas, ir an dùnadh fo uaine na’n leap’, ’S tha Ghailig mar bhantraich gun treòir, Air a fàgail na deòiridh gun taic. ’S iomadh gaiseach bu smachdaile greann, Chaidh fhuadach thar beanntan ’s muir, Gu rioghachd nam fineachan borb, Nach do dhearmaid a chainnt gu tur, Ged a dh’ fhògradh iad fada bho’n tir, Bi’dh am buadhan a direadh le meas, ’S fhad sa chuairticheas gaineamh an tràigh, Bi’dh a Ghailig ’ga h-àrach na measg. —N. M‘LEOID, ’san Ard-Albannach. Tha muinntir Shina a’ roinn an latha na dha earainn dheug, da uair anns gach earainn. Tha na h-Eadailtich a’ cùnntas nan uairean bho aon gu ceithir air fhichead an àite da dha-uair-dheug mar a ni sinne. Tha na h-uile a’ gearain air giorrad na beatha, agus an déigh sin, tha na h-uile a’ caitheadh barrachd ùine ann an amaideachd, na tha iad a’ cur gu féuma. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair. Is minic a tha nàir air mòran an fhìrinn innseadh, a chionn nach ’eil fios aca ciamar an i iad e. [TD 218] [Vol. 5. No. 29. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. III.—EACHDRAIDH AN T-SEANN DUINE AIG AN ROBH AN EILID. “Eisdibh rium le aire, tha mi ’guidhe oirbh,” ars’ an seann duine, “agus innsidh mi dhuibh m’ eachdraidh. Is i an eilid so nighean bhrathar mo mhathar, agus is i mo bhean mar an ceudna. Cha robh i ach da bhliadhna dheug an uair a phos mi i. Agus faodaidh mi radh, gu ’m bu choir dhi amharc arm, cha ’n ann a mhain mar a fear-daimh agus a fear-posda, ach mar athair mar an ceudna. Ged a bha sinn fichead bliadhna posda cha robh duine de theaghlach againn. Ach ged a bha so mar so, bha mise cho measail oirre ’s cho caoimhneil rithe ’s a b’ urrainn fear a bhith. Le h-aonta fhein cheannaich mi banoglach o ’n robh aon mhac agam, air dhomh a bhith toileach clann a bhith agam aig am fagainn mo chuid de ’n t-saoghal an deis dhi fhein ’s dhomh fhein am bas fhaotainn. Bha mo mhac anabarrach tlachdmhor anns gach doigh, agus bha h-uile coltas gu ’m biodh e ’na dhuine glic, tuigseach, deanadach, agus ro mhaiseach an uair a ruigeadh e aois fearachais. Ach ghabh mo bhean grain an uilc air fhein ’s air a mhathair, agus chum i so an cleith ormsa gus an robh e tuilleadh is anamoch. An uair a bha mo mhac mu dheich bhliadhna dh’ aois, thainig ormsa falbh air turus fada o ’n taigh. Dh’ earb mi rithe mu ’n d’ fhalbh mi, curam a bhith aice de ’n bhanoglaich agus de m’ mhac fhad ’s a bhithinn air falbh. Cha robh smaointean sam bith agam gu ’n deanadh i cron air a h-aon aca, ged a bha agam ri bhith o ’n taigh fad bliadhna. Cha bu luaithe a dh’ fhalbh mi na chaidh i do ’n sgoil-duibh, far an d’ ionnsaich i draoidheachd. An uair a bha i lan-ionnsaichte, thug i leatha mo mhac a dh’ aite fasail, agus le buille de ’n t-slacan-draoidheachd rinn i laogh de mo mhac. Thug i do ’n aireach e, agus dh’ iarr i air a bhiathadh gu math ’s gu ro mhath a chum gu ’m biodh e deas ann an uine ghoirid air son a mharbhadh. Thuirt i ris an aireach, gur e cheannach a rinn i. Cha d’ fhoghainn so leatha, ach rinn i mart de ’n bhanoglaich, agus thug i do ’n aireach i mar an ceudna, a chum a reamhrachadh gu math air son a marbhadh. An uair a thill mi dhachaidh bhar mo thuruis an ceann na bliadhna, dh’ fheoraich mi cia mar a bha ’bhanoglach agus mo mhac. “Fhuair a’ bhanoglach bas beagan an deis dhut falbh; agus mu dheidhinn do mhic, cha ’n eil fhios agamsa ciod a dh’ eirich dha, no c’aite am bheil e. Cha ’n fhaca mi e o chionn da mhios,” ars’ ise. Chuir bas na banoglaich dragh gu leor orm, agus bha dragh orm mu m’ mhac mar an ceudna; ach o ’n a thuirt i rium nach d’ rinn e ach falbh as an aite, bha dochas agam gu ’n tilleadh e dhachaidh ann an uine ghoirid. Chaidh ochd miosan seachad, agus cha chuala mi guth air. An uair a thainig latha na feisd bhliadhnail am fagusg, chuir mi fios thun an aireich e thoirt a’ mhairt a b’ fhearr ’s bu raimhre a bh’ agam do m’ ionnsuidh gus a marbhadh aig an fheisd. Rinn e so. B’ i am mart a thug e do m’ ionnsuidh, a’ bhanoglach—mathair mo mhic. Cheangail mi i, agus an uair a bha mi ’dol g’ a marbhadh, thoisich i ri ranaich gu cianail. Thug mi an aire gu robh na deoir a’ struthadh as na suilean aice. Chuir so ioghnadh mor orm. Agus ghabh mi a leithid de thruas rithe ’s nach b’ urrainn domh an sgian a chur innte. Dh’ iarr mi air an aireach mart eile a thoirt thugam. Bha mo bhean an lathair aig an am, agus bha i anabarrach feargach rium, a chionn nach do mharbh mi am mart. Thuirt i, “Ciod a tha ’n ad bheachd? Marbh am mart a thug an duine g’ ad ionnsuidh. Cha ’n ’eil mart eile agad cho freagarrach air son a marbhadh rithe.” Gus ise ’thoileachadh, chaidh mi rithist ann an dail a’ mhairt gus a marbhadh; ach thoisich i ri ranaich air a leithid a dhoigh ’s nach leigeadh mo chridhe leam an sgian a chur innte. An sin dh’ iarr mi air an aireach e g’ a marbhadh e-fhein. Bha ’n t-aireach ni bu chruaidhe cridhe na mise, agus ghrad mharbh e i. An uair a dh’ fheann e i, cha robh greim air a cnamhan, ged a bha i coltach ri bhith gle reamhar mu ’n do mharbhadh i. Thuirt mi ris e g’ a toirt air falbh as mo shealladh, agus an rud a thogradh e ’dheanadh rithe. Thuirt mi ris mar an ceudna, ma bha laogh math, reamhar aig, e ’g a thoirt do m’ ionnsuidh. An uine ghoirid thainig e ’s an laogh aige. Ged nach robh fhios agam gu ’m b’ e an laogh mo mhac, cha leigeadh mo chridhe leam lamh a chur ann gus a mharbhadh, an uair a chunnaic mi an suidheachadh truagh, cianail anns an robh e. Cha bu luaithe a chunnaic e mi na thug e oidhirp air tighinn dluth dhomh. Bhrist e an cord a bha mu ’amhaich, agus ruith e far an robh mi. Laidh e aig mo chasan, agus rinn e gach ni a b’ urrainn da, a chum gu ’n tugadh e orm truas a ghabhail dheth, agus gu ’n tugadh e orm a thuigsinn gu ’m b’ e mo mhac. Chuir a dhoighean barrachd ioghnaidh orm ’s a chuir am mart. Cha b’ urrainn domh gun truas mor a ghabhail ris a’ chreutair bhochd, an uair a chunnaic mi an staid anns an robh e. Thuirt mi ris an aireach, “Thoir leat an laogh sin dhachaidh; gabh curam math dhe, agus thoir an so laogh eile.” Cha bu luaithe a chuala, mo bhean mi ’g a radh so na thuirt i rium, “Ciod e air an t-saoghal is ciall do ’n obair a th’ ort? Gabh mo chomhairle, agus marbh an laogh ’s a’ mhionaid.” “A bhean,” arsa mise, “cha mharbh mi idir e. Na bi thusa ’g iarraidh orm a leithid a dheanamh.” Bha ’n droch bhoirionnach coma co dhiubh bhithinnsa toilichte no nach bitheadh, nam faigheadh i a droch nadar fhein a chur an ceill. O ’n a bha grain an uilc aice air mo mhac, cha robh a dhith oirre ach a chur gu bas. Air ghaol a toileachadh, nam b’ urrainn dhomh idir, cheangail mi an creutair bochd, agus an uair a bha mi ’dol a ghearradh an sgornain aige leis a’ chuirc, sheall e orm cho cianail, agus na deoir a ruith o na suilean aige. Chuir a choltas a leithid do thruas orm ’s nach duiriginn a mharbhadh. Thilg mi bhuam a’ chorc, agus thuirt mi ris a’ mhnaoi, gu robh mi am muigh ’s am mach an aghaidh a mharbhadh; ach gus a toileachadh, gheall mi dhi gu ’m marbhainn e aig an ath fheisd, an ceann bliadhna. Mharbh mi fear eile de na laoigh an latha ud ’n a aite. An la’r-na-mhaireach, chuir an t aireach fios do m’ ionnsuidh, gu robh toil aige beagan comhraidh a bhith aige rium far nach biodh duine ’g ar n-eisdeachd. An uair a chaidh mi bhruidhinn ris, thuirt e rium. “Thainig mise le naigheachd do d’ ionnsuidh a bheir toileachadh gu leor dhut. Tha nighean agam aig am bheil eolas math air draoidheachd. An uair a chaidh mi air m’ ais an de leis an laogh nach robh sibh toileach a mharbhadh, thug mi an aire gu ’n d’ rinn i gaire an uair a chunnaic i e. Ach an ceann tiotaidh thoisich i air caoineadh. Dh’ fheoraich mi dhith c’ ar son a bhi i ’gaireachdaich ’s a’ caoineadh aig a’ cheart àm. “Athair,” ars’ ise, “is e an laogh so mac ar maighstir. Rinn mi gaire le aoibhneas an uair a chunnaic mi beo e; ach ghuil mi an uair a chuimhnich mi gur i a mhathair a mharbhadh an de. Bha fuath mor aig bean ar maighstir dhaibh le cheile, agus le draoidheachd rinn i mart is laogh dhiubh.” Sin agad mar a chuala mise o m’ nighinn, agus thainig mi a dh’ aon ghnothuch g’ a innseadh dhut. “Smaoinich fhein a nis, a Phrionnsa nam fathach,” ars’ an seann duine, “air an ioghnadh a ghabh mi an uair a chuala mi so. Gun dail sam bith chaidh mi bhruidhinn ri nighean an aireich. Ach mu ’n do bhruidhinn mi rithe chaidh mi do ’n bhathaich far an robh na laoigh. Bha mo mhac an sin; ach ged nach b’ urrainn da bruidhinn, dh’ fheuch e ri leigeadh ris dhomh cho math ’s a b’ urrainn e gu ’m b’ e mo mhac. Thainig nighean an aireich far an robh mi do ’n bhathaich. “Mo chaileag mhath,” arsa mise, “an urrainn thusa mo mhac-sa a chur a rithist anns a’ chruthachd anns an robh e an toiseach?” “Is urrainn,” ars’ ise. “Ma ni thu sin, bheir mi dhut mo chuid de ’n t-saoghal,” arsa mise. Thainig fiamh gaire air a h-aghaidh, agus thuirt i, “Is tusa ar maighstir, agus tha fios agam gle mhath gu bheil sinn fada ’na d’ chomain. Ach cha ’n urrainn domhsa do mhac a chur a rithist anns a’ chruthachd anns an robh e roimhe, mur geall thu gu ’n toir thu dhomh an da rud a dh’ iarras m’ [TD 219] [Vol. 5. No. 29. p. 3] ort. Is e a’ cheud rud a tha mi ag iarraidh gu ’n toir thu dhomh do mhac ri ’phosadh, agus is e an darra rud, gu’n toir thu dhomh cead peanas a dheanamh air an neach a rinn laogh dhe do mhac.” “Bheir mi dhut a’ cheud rud a dh’ iarr thu le uile dhurachd mo chridhe; agus a bharrachd air sin, tha mi ’gealltainn gu ’n toir mi dhut cuid mhath de m’ mhaoin, a chorr air na bheil mi gus a thoirt do m’ mhac. A dh’ aon fhacal, chi thu gu ’m paidh mi gle mhath thu air son de shaoithreach. A thaobh mo mhna, tha mi ’toirt lan chead dhut peanas a dheanamh oirre; oir is math an airidh peanas trom a leagadh air neach sam bith a rinn gniomh cho eucorach ’s a rinn i. Ach tha mi ag earbsadh riut gun a beatha a thoirt air falbh.” “Tha mi,” ars’ ise, “a’ dol a dheanamh oirre direach mar a rinn i fhein air do mhac-sa.” “Tha mi toirt cead dhut sin a dheanamh, ma gheallas tu gu’n cuir thu mo mhac anns a’ chruthachd ’s an robh e roimhe,” arsa mise, Dh’ fhalbh i am mach as a’ bhathaich agus ann an uine ghoirid thill i air a h-ais agus soitheach lan uisge aice. Labhair i beagan fhacal os cionn an uisge nach do thuig mi, agus thuirt i ris an laogh—“A laoigh, ma bha thu air do chruthachadh le ard-uachdaran uile chumhachdach an t-saoghail mar a tha thu, fan mar sin, ach ma ’s duine thu, agus gu’n d’ rinneadh laogh dhiot le draoidheachd, bi air d’ atharrachadh gu do chruth nadarra le cead a’ Chruithfhir.” An uair a labhair i na briathran so dhoirt i an t-uisge air an laogh; agus ann am priobadh na suil bha e ’na dhuine. “Mo mhac, mo mhac graidh,” arsa mise, ’s mi ’cur mo lamhan mu ’n cuairt da ’s ’g a theannachadh ri m’ uchd, agus mi cho aoibhneach ’s nach robh fhios agam gu ro mhath ciod a bha mi ’deanamh. “Is e ni math fhein a chuir a’ mhaighdean og so ’nar rathad a chum gu ’n togadh i dhiot na geasan fo ’n deachaidh do chuir le draoidheachd, agus a chum dioghaltas a dheanamh air an te a rinn an t-olc ort fhein agus air do mhathair. Cha ’n ’eil teagamh agam nach gabh thu i mar do bhean, mar phaigheadh air son gu ’n do thog i dhiot na geasan; oir gheall mise dhi gu ’m posadh tu i.” Dh’ aontaich mo mhac gu toileach gu ’m posadh e i. Ach mu ’n do phos iad, rinn i eilid de m’ mhnaoi; agus is i a th’ ann an so mu ’r coinneamh. B’ e so an cruth anns am bu roghainniche leam i bhith, a chum nach biodh i ’na cuis-eagail do’n teaghlach. O chionn uine tha mo mhac ’na bhantraich, agus dh’ fhalbh e a shiubhal an t-saoghail. Tha bliadhnachan o nach cuala mi iomradh air. Tha mi ’falbh o aite gu aite feuch an tachair e rium, no am faigh mi a mach co dhiubh tha e beo no marbh. Agus o nach robh mi deonach mo bhean earbsa ri duine sam bith gus an tillinn dhachaidh, smaoinich mi gu ’n tugainn leam i a h-uile taobh a rachainn. Sin agaibh m’ eachdraidh fhein agus eachdraidh na h-eilid. Tha i cho iongantach ri eachdraidh a b’ urrainn a bhith. “Tha mi ag aideachadh gu bheil,” ars’ am fathach, “agus air an aobhar sin, tha mi toirt mathanais do ’n mharsanta ann an trian de ’n olc a rinn e.” An uair a chriochnaich a’ cheud sheann duine a naigheachd, labhair an seann duine aig an robh an da chu dhubh ris an fhathach, agus thuirt e ris:—“Tha mi ’dol a dh’ innseadh dhut mar a thachair dhomh fhein agus do ’n da chu dhubh so, a tha thu ’faicinn comhladh rium, agus tha mi cinnteach gu ’n aidich thu gu bheil mo naigheachd moran ni ’s iongantaiche na ’n naigheachd a chuala tu an drasta. Ach an uair a dh’ innseas mi i, tha mi an dochas gu ’m bi thu toileach mathanas a thoirt do ’n mharsanta anns an dara trian de ’n olc.” “Ni mi sin, ma bhios do naigheachd-sa ni ’s iongantaiche na an naigheachd a chuala mi mar tha,” ars’ am fathach. Call a’ Bhata d’am b’ainm Mairi o Iona. Cha’n ann chum deur a tharruing o’n t-sùil, no osna bhròin o’n chridhe, a tha ’n eachdraidh chianail so air a sgriobhadh; ach ann an dòchas gum feud i bhi tarbhach chum leas spioradail na muinntir a leughas i a chur air aghaidh, le iadsan aomadh gu eòlas tràth a ghabhail air Dia, mothachadh ceart a bhi aca air buntuinneas a fhreasdail, truas altrum ’nan cridheachan airson fulangas an co-chreutairibh, agus iad fein a bhrosnuchadh chum uidheamachadh tràthail a dheanamh fa chomhair uamhas bàis agus breitheanais a tha ’feitheamh òirnn air fad, ’s nach eil ’s math a dh’ fheuidte, fad air falbh. Ann am fior thoiseach an fhogharaidh dh’ fhàg an soitheach beag so a’ Ghaeltachd le sea ’s dà fhichead pearsa air bòrd; agus an uair a bha i mar uidhe thri no ceithir do mhiltibh o Ghrianaig, ceann-crìch a turuis, tamull beag roimh mheadhon oidhche, thàinig a h-aon dò na soithichibh ùra innleachdach sin a th’air an gluasad le neart teine, gun suim do ràimh no shiùil, da ’m b’ ainm an Hercules, a nuas oirre ’na làn-chumhachd, agus o dhorchadas na h-oidhche, leis an t-siubhal a bha roimpe, cha do mhothaich iad d’a chéile, gus an robh iad co dlùth ’s nach robh tilleadh, no seòl-seachnaidh comasach. Cha luaithe bhuail an Hercules an soitheach beag eile na rinn i dà bhloid dh’ i. Is usa gu mor a smuaineachadh na chur sios ann am briathraibh, na thachair anns an àm so. Ghlac cuid diùbhsan a bha innte greim air crann agus acfhuinn a bhata, fhad ’s a shnàmh i; ach cha robh sin fada, oir lion i gu luath, agus chaidh i fodha. Thuit cuid do na buanaichibh bochda fo chuibhlichibh eagallach na luinge a chuir as doibh, leis an robh iad air an liodairt air an dòigh bu deistinniche smuaineachadh air; ach chaidh a’ chuid bu mhò dhiubh, gun chomas air oidhearp san bith a thoirt chum iad féin a shàbhaladh, gu grad sios ’an coinneamh a bhàis sin a thàinig orra air mhodh co uamhasach. As am measg air fad cha do thèarnadh ach cearthar,—dà fhirionnach agus dà bhoirionnach; agus chaochail a h-aon diubh sin féin ann an ùine ghearr. Ma bha aon ni a dh’ fheudadh an calldach so a dheanamh ni bu diùbhalaiche na chéile, ’se ’n dlù-dhàimh san robh iad. Chaill a h-aon diubhsan a fhuair gu tir, a bhean, a mhàihair, agus a phiuthar-chéile; chaill a h-aon eile dhiubh a mac agus a nighean: ’s an treas duin’ a fhuair gu tir, a bhràthair agus a phiuthar; air chor ’s gu’n robh fir-phòsda agus am mnathan, pàrantan agus an cuid cloinne, bràithrean agus peathraichean, an so a’ dol fodha le chéile ann an glaic a’ bhais, agus na h-uisgeachan gu là bhràth a’ dùnadh thairis orra. ’S e’n ni àraidh a bha ’m beachd nan daoine sin a’ fàgail an dùthcha air an àm so, cosnadh fhaotainn ré an fhoghraidh air machraichibh nan Gall. Bu shùnndach a bha iadsan ag amharc rompa chum an là anns am pilleadh iad air ais a cho-pàirteachadh le comunn an gaoil toradh an saoithreach: ach so cha’ do dheònaich Dia. Dhoibhsan chaidh am fogharadh gu grad seachad, agus bha’n samhradh gu h-obann air a chrìochnachadh. Chaidh a’ ghrian fodha orra gu bràth, agus ghearradh air falbh iad ann am meadhon an dòchais. Cia anfhann gearr-fhradharcach clann nan daoine! ’s beag a tha fios aca ciod a bheir la mu’n cuairt. Tha ar làithean, gu deimhin, mar leud boise: gu firinneach tha mac an duine ’na staid a’s fearr, ’na dhìomhanas. Tha e ’teachd a mach mar bhlàth, ach seargaidh e; teicheadh e mar sgàile; cha bhi e ni’s faide r’a fhaotainn. Sop as gach Seid. Tha cuid ann aig am bheil cumhachd gu bhi ’g ràdh mòran ann am beagan bhriathraibh, an uair, air an làimh eile, tha cumhachd aig cuid eile chum beagan a ràdh ann am mòran bhrìathraibh. Innis an fhìrinn, agus cuir nàir air an Droch-fhear. Tha moran ann a chuireas nàir furasta gu leòir air an Droch-fhear, ach aig nach ’eil innleachd air an fhirinn a chur idir an céill. Is i mo chomhairle dhoibhsan a tha ’cur rompa tòiseachadh air turas na beatha, gréim a dheanamh air an cridhe fein ann an aòin laimh, agus air camain anns an làimh eile. Tha ’n duine sin a theagaisgeas dìchioll d’a chloinn fein, a’ deanamh solair air an son, ni’s fearr na ged a bhuilicheadh e orra mòran saibhreis. “Ni lamh nan dìchiollach beartach.” Feudar ath-leasachadh a dheanamh air gach ni fo’n ghréin, ach air an fhìrinn, ach cha’n ’eil innleachd no cumhachd ann, chum an fhìrinn ath-leasachadh. [TD 220] [Vol. 5. No. 29. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, IANUARAIDH 23, 1897. Tha a Ghearmailt agus dùthchannan eile anns an Roinn-Eòrpa o chionn àireamh bhliadhnaichean a toirt duais do luchd-deanamh an t-siùcair na’n criochaibh féin air son gach punnd siùcair a reiceas iad ann an dùthchannan céin. Leis a sin tha siùcar nan dùthchannan sin a lionadh a mhargaidh ann am Breatuinn, agus a dùnadh a mach siùcar nan Innsean an Iar. Tha muinntir nan eileanan sin, de’m buin moran do Bhreatuin fhéin, a’ gearan gu mor air a chall n th’ air a chur orra-san air an dòigh sin, agus tha an gearan gle cheart. Cha’n eil a bhi duaisneachadh luchd-deanamh an t-siùcair na bhuanachd mhor sam bith do’n Gheàrmailt no do’n Fhraing, oir cha’n eil e toirt atharrachadh sam bith air pris an t-siùcair a chuireas iad fhéin am feum. Tha a’ bhuanachd uile gu leir aig sluagh Bhreatuinn, agus mar a tha ’sann a tha Ghearmailt ’s an Fhraing a’ pàigheadh moran airgeid gach bliadhna air son siùcar saor a chumail ri muinntir Rhreatuinn. Tha iad a toirt ana-ceartas dhaibh féin agus a deanamh eucoir air muinntir nan Innsean an Iar, a tha deanamh am beòthachd air fad air togail an t-siùcair. Ach ’se ’s dòcha nach lean na cùiseaan so mar a tha iad moran na’s fhaide. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil Gàidheil Halifacs an deigh Comunn Gàilig a chur air chois. Tha an t-Onarach Uilleam Ros, an t-Oilear A. H. MacAoidh, agus cuid eile de dhaoine inbheach a bhaile na’m buill ’sa chomunn. Bha a’ cheud choinneamh bhliadhnail aca oidhche Dior-daoin s’a chaidh. Tha MAC-TALLA a’ cur fàilte air a chomunn ùr so agus a guidhe saoghal fada soirbheachail dha. Litir a Amaguadies. A MHIC-TALLA RUNAICH:—Gu de dh’ eirich dh’an fheadhainn a b’ àbhaist a bhi sgriobhadh g’ ad ionnsuidh o àm gu àm as gach cearna dhe’n Eilean so. Bha an cuid naigheachdan a toirt moran toileachaidh dh’ad luchd-leughaidh, ach gu h’àraid dh’an càirdean an “Tir nam Beann.” Tha mi an dòchas nach do chaill iad an dillseachd no idir am misneach gu bhi cuideachadh leat an cainnt mhathaireil a chumail a’n cleachdadh ’s air chuimhne. Ma dh’fhaoidte gu bheil cùram orra nach taitneadh an seanachas ri d’ luchd-leughaidh. Cha’n fhaod sin a bhith. Cha dean neach sam bith ach a dhichioll, agus ’nuair a ni neach a dhichioll cha ’n e coire is còir fhaotainn dha, ach meas agus cliù. Tha leisgeul eile aca a shaoras iad, agus ’se sin nach eileas ’ga cleachdadh no ’ga foghlum ann an sgoiltean na dùthcha. Air an aobhar sin ’s airidh a h-uile Gàidheal air meas agus cliu a tha toirt oidheirp air do chuideachadh anns an obair chudthromach a ghabh thu gu misneachail os laimh a chur an gniomh—a Ghàilig a chumail beò ’s an cleachdadh. Gu de ’n cridhealas nach eil e toirt dhuinn a bhi cluinntinn bho “Bhodachan a’ Gharaidh,” ’s e h-uile uair cho friogadach ’s cho frogadach ’s a bha e riamh Togaibh misneach ma ta a Ghàidheil mo run, agus gach seachduinn na deanaibh diochuimhne air naigheachd ur na annasach a thoirt do MHAC-TALLA a sheinneas e gu finealta ’sa labhras e gu h-ealanta le ceilearadh ceòlmhor binn air feadh gach cearna de cheithir ranna ruadh an t-saoghail a tha e siubhal, agus a nochdas do dhuthaich nan sonn, ’s na’n gaisgeach a dh’ altruim an Cànain ’sna linntean a chaidh seachad, nach eil an càirdean air an taobh so dhe ’n chuan ’ga leigeil air diochuimhne gu buileach. A guidhe deagh Bhliadhn’ Ur sgus saoirbheachtdh math de MHAC-TALLA a’s d’a chàirdean uile—gu h-àraidh do Bhodachan a’ Ghàraidh. Is mi do charaid dileas an latha ’chi ’s nach faic, Amaguadies, 5, 1, ’97. A. S. A Cobh nan Eirionnach. FHIR-DAEASACHAIDH UASAIL:—’S fhada o’n a bha dùil agam sgriobhadh ugad, ach cha robh mi airson sgriobhadh gus a faighinn dòigh air do chuid fhèin a chur g’ad ionnsuidh. Gheibh thu dolair anns a’ litir so airson MHIC-TALLA; gach rud ach am paipeir Gàilig a bhi gun phàigheadh, am paipear seach gin do phaipearan an domhainn a tha toirt ugainn an ceann gach seachdainn naigheachd ùr air cliù agus gaisge na’n daoine bho’n d’ thainig sinn. Tha biadh spréidhe gu math pailt anns a chearna so dhe’n eilean am bliadhna. Tha duine ’san àite seo dh’an ainm “Iain Glas;” tha e ’na dhuine gle stuama modhail na dhoigh. Bha e na sheoladair o’n a bha mathas air, agus gu dearbh ’s iomadh tonn bàrcach air an deach e thairis eadar Sasuinn agus Maol Chinntire. B’ éibhinn a bhi faicinn an t-seann laoich a dealbh na inntinn mar a chuireadh e air doigh na slatan ’s na siùil, ’s a bhi ag éisdeachd ris ag innse gu pongail a ch’ uile cunnart us gabhadh troimh ’n deachaidh e. Air eagal ’s gu bheil mo litir tuilleadh us fada, bidh mi sgur le bhi guidhe Bliadhna Mhath Ur dhuibh. ’S mi ur caraid, 1, 16, ’97. ALASDAIR CARRACH. STOR UR TAILLEARACHD. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair, MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 221] [Vol. 5. No. 29. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha a’ bhean-uasal a bha gus o chionn bheagan bhliadhnaichean ’na ban-righ air eileanan Hawaii, a nise air chuairt ann an Canada ’s anns na Stàitean. Chaidh tigh dhilleachdan a losgadh ann am baile d’ an ainm Dallas, ann an Texas, air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh sia deug de na chloinn a losgadh gu bàs ann. Bha acarsaid St. John’s, Newfoundland, air a lionadh leis an deigh mhoir deireadh na seachdain s’a chaidh. Tha an deigh a tigh’nn a deas, agus gun teagamh cha bhi fada gus am bi i againn ceithir-thimchioll an eilein so fhéin. A sheachdain gus an dé bha àireamh iasgairean a mach air an deigh ann an Loch Mhichigan ’nuair a thainig stoirm a sguab an deigh a mach o’n chladach. Bha coignear dhiubh nach d’ fhuair gu tir, agus tha e ro-choltach gu robh iad air an call. Chaidh deich mile ’s sia ceud gu leth mort a dheanamh anns na Stàitean air a bhliadhna a dh’ fhalbh, agus thainig còrr us sia mile gu leth ri ’m beatha fhéin. Tha so na ghnothuch uamhasach. Cha bu chòir beatha duine bhi cho suarach sid ann an dùthaich coltach ris na Stàitean. Bha gle fhaisg air muillein acaire fearainn (999,-598) fo chrithneachd ann am Manitoba air a bhliadhna s’a dh’ fhalbh, agus thug gach acaire bhar a chéile seachad còrr us ceithir buiseil dheuga. Tha ’m bàrr na ’s lugha na bha e ’n uiridh, ach tha a’ phris moran na’s àirde agus mar sin tha an dùthaich na’s fhearr dheth na bha i o chionn roinn de bhliadhnaichean. Tha e coltach gu bheil Eirinn a’ fàs na’s sitheile na b’ àbhaist dhi bhi. Tha ’n Riaghladh Breatunnach a cur rompa air a bhliadhna so deanamh le na’s lugha de mhaoir-sithe na b’ àbhaist daibh. Tha ’n àireamh ri bhi air a lughdachadh gu mor—da mhile duine ri bhi air a chur as—agus cùmhnaidh sin mu fhichead mile punnd Sasunnach ’sa bhliadhna dhaibh. Tha ’n t-side air fàs na’s fuaire. Tha deigh a nis air an acarsaid, agus tha na bàtaichean-aiseig air a dhol gu ’n tàmh geamhraidh. Tha ’n carbad-iaruinn a ruith eadar so us Sidni Tuath da uair ’san latha, Di-luain, Di-mairt, Dior-daoin, ’s Di-satharna, a’ fàgail a bhaile so air naodh uairean ’s a mhaduinn, ’s air da uair feasgar, agus a’ fàgail Shidni Tuath mu uair an deigh sin. Mar a thug sinn iomradh roimhe, tha na h-Innsean a’ fulang le gainne bidh. Tha an sgeul air tighinn a nise gu bheil plàigh a’ leantuinn an luirg na gorta. Bhrist i mach gu dona ann am baile Bhombay, agus tha mu leth an t-sluaigh air teicheadh as. Tha na h-àitean-adhlacaidh air an lionadh, agus tha moran de na cuirp gun an tiodhlacadh, oir cha laimhsich eadhon an càirdean iad air eagal gu’m buail a phlàigh iad féin. Tha suas ri da mhile gu leth air bàsachadh leis a phlaigh ann am Bombay leis fhein, agus cha’n eil dad de choltas lasachaidh oirre. Tha fios as an Transvaal ag radh gu bheil Riaghladh na dùthcha sin a’ dol a chur mu choinneamh an Riaghlaidh Bhreatunnaich da mhuillein punnd Sasunnach a phàigheadh air son an ionnsuidh mhi-shealbhach a thug an Dotair Jamieson agus a chuideachd air an dùthaich sin a thoirt fo chis. Ma thig air Breatunn sin a phàigheadh, faodaidh i radh gu fior gu’m bu daor an ceannach e. Tha Cecil Rhodes an dràsda air a thurus gu Breatunn far am bheil aige ri cùirt a sheasamh mar a bh’ aig Jamieson. Tha moran dhe’n bharail gu robh esan air cùl a ghnothuich bho thoiseach, agus ma ghabhas sin dearbhadh air, ’s coir a pheanaisteachadh cho math ri càch. Tha boirionnach ann an Stàit Chalifornia a tha na h-ard-riaghaladair air comunn urrais, agus tha i faotainn mar thurasdal deich mile dolair ’sa bhliadhna. Chruinnich Pàrlamaid Nobha Scotia Dior-daoin. A reir coltais cha’n eil fior mhoran aca ri dheanamh air an turus, so ach a mhàin gnothuichean a chur air dòigh air son riaghladh na mor-roinn fad bliadhn’ eile. Anns a choig latha deug roimh ’n choigeamh latha dhe’n bhliadhna so, bhrist ochd bancaichean fichead anns na Stàitean. Caillear còrr us muillein air fhichead dolair orra air fad. Tha bancaichean a’ bristeadh anabarrach tric anns na Stàitean o chionn beagan bhliadhnaichean air ais. Tha duine anns a phriosan am Boston nach fhaca solus an latha o chionn da bhliadhn’ air fhichead. Chuireadh a stigh e ’nuair a bha e coig bliadhn’ deug air son mort gràineil a rinn e, agus tha aige ri bhi ann ri bheò. Cha mhor nach d’ fhuair e teicheadh orra o chionn ghoirid le tolladh troimh bhallachan a’ phriosain. Tha Lieutenant Peary a cur roimhe ionnsuidh eile a thoirt air ceann-a-tuath an t-saoghail a ruigheachd. Thug e an ionnsuidh cheudna uair us uair roimhe, ach dh’ fhairtlich air, mar a dh’ fhairtlich air gach fear a dh’ fheuch ris roimhe. ’S iomadh cunnart agus gàbhadh troimh ’n deachaidh e, ach a dh’ aindeoin sin tha e coltach gu bheil e deonach a dhol trompa a rithist air sgàth na h-onair a gheibh e ma ’se ’s gu ’n teid aige air a chùis a dheanamh. Thaghail bana-charaid oirnn beagan romh ’n Bhliadhn’ Uir, agus phàigh i air son MHIC-TALLA, “air eagal,” ars ise, “gu’n caill mi mo fhradharc ma leughas mi e gun phàigheadh a air a shon. Cha do leugh mi àireamh dhe’n MHAC-TALLA nach bu leam fhéin riamh ach a cheud fhear a chunnaic mi. Leugh mi am fear sin an iasad, ach chuir mi g’a iarraidh dhomh fhéin gun dàil, agus tha e pàighte agam riamh uaithe sin.” B fhearr leinn gu’m b’ urrainn do ar leughadairean uile so a radh. ’S urrainn do mhoran diubh a radh, ach tha feadhain ann nach urrainn. Tha sinn an dochas co-dhiu gu ’n cuir iad uile rompa air a’ bhliadhna so nach leugh iad facal dheth gus am bi e ’n toiseach air a phaigheadh. Iadsan a Phaigh. D. J. Mac Asguill, L’Ardoise Iseal. Padruig Mac Amhlaidh, Glace Bay, $2.40. Alasdair Mac-an-t-Saoir, Gabarus. Niall I. Domhnullach, Cobh nan Eirionnach, Domhnull Caimbeul, Eilean nan Ian. Donnacha Moireastan, New Harris. Ailean Camaran, Amhuinn Dhennis. Iain Mac Aonghais, Allt nam Breac, Mira. Iain I. Gillios, Meadows, Sydney Forks, 33c. M. T. Mac Neill, Cul a Phòin Mhoir, $1.45. Ios. A. Mac Neill, Glengarry Valley. Domhnull Domhnullach, (Gobha) Amhuinn Dhennis. Donnachadh Mac Leoid, Baddeck Mhor. Iain I. Sutharlan, Kerrowgare, N. S. An t-Urr. D. B. Mac Leoid, Orwell, E. P. I. Alastair Bell, Garfield, Orwell, E. P. I. Dughal Mac Gilleain, Priceville. Ont. Calum Mac-Gille-mhaoil, Princeville. Ont. Domhnull Mac-Gille-mhaoil, Princeville. Ont. Donnacha Mac Aonghais, McIntyre, P. O. Ont. Caorstaidh Nic Aoidh, Ripley, Ont. Aonghas Peutan, Fairmede, Assa. Iain Murray, Marsboro, Que. 25c. Tormoid Mac Leoid, Steornobhagh, Que. Murchadh Mac Laomuin, Quincey, Mass. Domhnull Calder, Bute Mont, $5.00. Iain Caimbeul, Eaglais Bhaoghasdail, 25c. Iain A. Domhnullach, Glenville, 25c. An t-Ard-Urramach Alasdair Domhnullach, Easbuig Alexandria, Ont., $3.00. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA sinn a creic gach seorsa de dh’ aodaichean Deante. Cha’n eil aite ’sa bhaile ’sam faigh thu bargain cho math. Taghail againn agus faic. D. J. Domhnullach. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 222] [Vol. 5. No. 29. p. 6] Na Caoirich-Cheannriabhach. Goirid an deaghaidh Chuilfhodair, bha Gall àraid—Séumas Yule, ’an Alloa, faisg air Sruibhla, aig an robh gabhail mhor mheanbh-chruidh. Bha an t-àite ro bhuailteach do’n bhragsaidh, air chor ’s gu’n robh an Gall an impis a chreach leis. Cha robh fios aige ciod a dheanadh e, ach smaoinich e gu’n tugadh e diachainn do atharrachadh-fiaraich. Is e bh’ ann, ma ta, ’s a’ bhliadhna 1759, gu’n do ghabh e geamhrachadh Chambusmere faisg air Calasraid. Chuir e ceithir chiad ann; agus cha d’ fhalbh a bheag sa bith dhiubh. An uair a chunnaic luchd-ghabhalaichean eile gu’n do thionndaidh an geamhrachadh a mach cho math do Sheumas Yule, thòisich iad fhéin air a chleas chiadna. Réitich so an rathad do na Goill agus do “Na caoirich cheannriabhach Rinn aimhreit feadh an t-saoghail” Mu’n bhliadhna 1764, thòisich na Goill air gabhalaichean a ghabhail ’s a’ Ghàidhealtachd. ’S e fear d’am b’ ainm Lacroyne, a ghabh a chiad té, agus sin ’an Còmhal, ’an siorrachd Ionaraora. Air a luirg-san thainig dithis d’am b’ ainm Murray—fear dhiubh do Ghleann-Fallach, agus am fear eile do Ghleann-Dochart; agus cha b’ fhada na’n deaghaidh-san gus an d’thàinig Lindsay do Cheann-Locheura. Bha iad, tuille, a tighinn cho dlùth ris na cadha-dubha. Roimh ’e àm so (1764), bha na Gàidheil, mar bu trice, ’an iarraidh mhath air an dòigh. A bharrachd air ni-dubh, bhiodh gràinnein chaorach ’us ghobhar aig gach fear air aghaidh fhéin, agus criomag thalmhann gu àiteach. Bha am monadh aig gach baile an comhchoir; ach bha cm fearann-treabhaidh air a roinn na ’chodacha-fia. Ma bha an t-aran car gann na ’uaireannan, rud gu’n robh, eadar bainne chaorach ’us ghobhar us cruith, cha bhiodh gainne annlainn orra ’s t-Samhradh, agus bhiodh am am pailteas feòla ’us éisg ’us sithne aca ’s a’ Gheamhradh. Chichear ’s “A’ Chaora Cheanainn,” stàth nan caorach-beaga dh na Gàidhil; agus co nach cuala— A’ CHAORA CHROM. A’ chaora chrom air an leacainn, Da uan aice fo ’sgéith, Chuireadh e le fead a sròine, ’Madadh ròmach air a dhruim. Uan aig na caoraich uile, Uan aig na caoraich uile, Uan aig na caoraich uile, ’S paidhir aig a’ chaoraich chruim. Huile h-uan cho mor ri gamhainn, Huile h-uan cho mor ri gamhainn, Huile h-uan cho mor ri gamhainn, ’S iad cho reamhar ris an ìm. Bainn’ aig na caoraich uile, Bainn’ aig na caoraich uile, Bainn’ aig na caoraich uile, ’S gallan aig a’ chaoraidh chruim. Bha gaoir chruaidh aig an tuath ’an aghaidh nan gabhlaichean-mòra—rud nach b’ioghnadh—is iad a chur sgapadh annta. Ach ach b’ e ’n tuath a mhàin a bha na’n aghaidh. Na’m biodh ùine again dh’fhaodainn teisteanas mhoran de Chélir Ghàidhealaich an ama a thoirt seachad mar dhearbhadh air sin; ach, gun ghuth a thoirt air Urramaich aimeil mar a bha ministeir na Comaraich, ministeir Chille-Mhàillibh, agus ministeir Ghlinn-Urchaidh, gabhaidh mi, ’s an ’am, le teisteanas ministeir Shrath-Churra agus Shrath-Lachainn; freagraidh e do’n Ghaidhealtachd uile thair a cheile. Tha’n t-Olla Stiùart, ma tà, a sgribh ’s ’a bhliadhna 1791, a toirt a’ chunntais a leanas air cor a sgireachd: “An taobh-stigh de’n deich bliadhna fichead so chaidh, gu sonraichte bho’n a thòisich na gabhalaichean meanbh-chruidh, thug mòran de mhuinntir na sgìreachd so, a’ mhuir orra; ach tha e soilleir gur h-i an éiginn ’s nach e an ro-dhèigh-san oirre ’bu choireach. Le dithis, no tri, no ceithir, de bhailtean a chur cuideachd gu aon ghabhail a dhianamh, b’eudar, bho dhà-dhaig gu sia-diag de theaghlaichean a chur bharr na h-aon làraich. Cha robh atharrachadh aca so ach dol ’am mèinn ’an dubh-chosnaidh. Gillean òga, tapaidh, thug iad a’ mhuir orra; na seann daoine a b’urrainn obair a dhianamh, ghabh iad tigh-tioram, agus am pàidheadh-latha. Thug mòran am baile-mòr orra—agus tha ’bhlath—an t-sìde nach do chleachd iad, ghiorraìch i saoghal an t-seann shluaigh, agus rinn i deoraidhnean de’n òigridh. Ri linn nan caorach thàinig caochladh mòr air nàdur an t-sluaigh. Gus an d’thàinig na caoirich cha bi a’ mhuir ’s an robh an ùidh. Is ann a bha an aire gu sin air trèubhantas agus air gaisge. An deaghaidh an obair latha a chur seachad, ’s a shuidheadh iad timchoill a’ ghealbhain, b’e am fearas-chuideachd, dànachd na Fèinne, a bhi ’luaidh air gnìomhannan daoine trèuna, agus air cruadal nan daoine bho’n d’thàinig iad. Thug sin air an òigridh gach fàth ’us cothrom a gabhail air iad fhéin fiachainn ’s a dhearbhadh ri uchd cruadail ’us gàbhaidh. Bha iad ag cur thairis le fearas-duthcha—an gaol ’s an deòthas cho mòr mu’n ionad ’s an d’rugadh iad, agus gu’m bu cho math leotha ionann’s an cur air fògradh ri ’n cur do sgireachd eile. Cinneadalachd, ach thair gach nì, dìlse do’n ceann-cinnidh agus eud mu a chliù ’s mu ’onoir, b’e, leothasan, a’ chiad phuing de’n lagh. Bha e air a dheargadh air cridhe na h-òigridh, agus le ’bhi ga ’chur daonnan ’an cleachdadh, bha e ’sior-chinntinn ’an neart ’s an deòthas, agus cha robh gin idir as aonais. Na’n tuiteadh do’n triath fhèin, no do fhear de’n teaghlach, dol do’n arm, dh’èìreadh an òigridh gun obadh leis mar bu dual daibh bho’n athraichean. Ach dh’fhalbh sin. An diugh tha’m fearann air dol fàs: b’èudar do’n t-sluagh an dùthaich—an aon larach far an d’rugadh ’s na thogadh iad—làraichean an seanairean, fhàgail. Thàinig mùthadh mòr air nòs agus air beusan na feadhnach sin, agus tha fior nàdur an t-Seana-Ghàidhil air a chur aog. Far am faighteadh bho chòig-diag gu sia-diag de theaghlaichean ’s ’na thogadh ioma lasgaire cruadalach, ullamh gu tilleadh a thoirt à nàmhaid, ’s a chumail suas cliù a dhùthcha, cha’n fhaighear an diugh ach Gall ’us dà chìobair! Guth cha’n ’eil air an àm bho shean: is caoirich ’us ollann is culaidh-sheanchuis dhaibh. An aon fhacal, ma leanas na cùisean ach goirid, cha bhi urad’s cuimhne air nàdur an t-Seana-Ghàidhil. Mur robh móran àillis ’us soighneis aig na Gàidhil Bho-Shean, bha iad toilichte le’n cor. Is ann a b’uaill leotha acras, ’us allaban fhulang. Bha iad air am buaireadh mu cheòl ’s mu òrain. Ri tighinn do’n anmoch chuireadh an ceòl ’s an dannsa an sgìos dhiubh agus an airteal. An diugh is ann ainmig a chithear pìob, ’s cha chluinnear port; agus bho’n a thréig am fàth ’s an nòs bha a dùsgadh ’s ag altrum na bàrdachd, chaidh a’ ghlas-ghuib air an fhilidh. Dh’fhàg am fiadh am fireach. Frìdh mhór a bha ’s a’ choimhearsnachd, ’s am faighteadh na ciadan diubh, nach ann tha i na ’gabhail chaorach!” An uair a chuir an t-ùghdar, Ailean Dùghallach, a mach “Oran nan Ciobairean Gallda,” 1798, bha còrr ’us tri fichead mile meanbh-chruidh ’an sgìreachd Chill-Monibheig fhéin, far an robh e ’fuireach ’s an am; agus mu chòig bliadhna roimhe sin (mu’n d’thàinig “Oran nam Balgairean” a mach) bha mu fhichead mile ceann ’an Gleann-Urchaidh. Mu’n àm sin (1791) b’e tuarasdal cìobair a bhiodh air tigh dha fhéin—dà mhart, cumail chaorach (tri fichead ’s a deich), agus cur buntàta. D. C. M. Bard na Leadaige. Tha Iain Caimbeul na Leideige ’na dhuine còir, ionraic, agus urramach ’san àite anns an aithnichear e gu pearsanta. Tha a chàirdean lìonmhor; agus thòg iad tigh dha—tigh glé eireachdail ’s e th’ann. Cha ’n ’eil fhios agam co dhiù tha an tigh so ’na theisteannas air a ’mheas a tha a chàirdean a’ cur air mar dhuine no mar bhàrd. Theagamh gur e an da chuid. Ach ’s e duais a th’ann a tha glé fhreagarrach do’n duine mar bhàrd; oir ’s e bard-taobh-an-teallaich a th’ann. Tha e ’na ni comharraichte air sean bhàrdachd na Gàidhlig gur gann a tha dàn no òran innte mu’n dachaidh, no mu nithean comh-cheangailte rithe. ’S ann anns an linn so a thòisich na bàird Ghaidhealach air bhi ’tionndadh an aire rathad an taighe agus an teaghlaich agus faighinn aobhar bàrdachd annta. B’ ìad gaol agus cogadh bu trice bh’aca mar aobhair seinn roimhe so. Ach dìreach mar a’s mù a leugh iad de bhàrdachd na Beurla Shasunnaich, agus a fhuair iad de sgoil agus de fhoghlum an latha ’n diugh, ’s ann a’s dlùithe thàinig iad do’n dachaidh air toir aobhar bàrdachd; agus ’s ann a’s mo, cuideachd, a bhitheas iad a’ sealltainn a stigh air smaointean agus faireachdainnean an duine a chum an cur gu feum bàrdachd. Is éiginn do no bàird so a dheanamh cho fad ’s a tha ’n uachdranachd aig a’ Bheurla [TD 223] [Vol. 5. No. 29. p. 7] Shasunnaich. Cho fad ’s a bhitheas a’ chlann air sn teagasg anns a’ Bheurla Shasunnaich agus ’ga cleachdadh mar chainnt, bithidh moran de spiorad litreachais nan Sasunnach agus nan Gall a’ faighinn greìm orra; agus cha ghabh e sàsachadh le bàrdachd anns nach ’eil gnè de ’n spiorad cheudna. Is fada bhuam-sa a bhi ’cur an aghaidh spiorad litreachais na Beurla Shasunnaich a bhi ’tighinn a stigh do bhàrdachd nan Gaidheal. Ach thugamaid an aire ’n uair a leigeas sinn a stigh e nach leig sinn leis a’ Ghàidhlig a bhi ’call a blais fhéin. Cia b’e air bith gnè nan smaointean, cuireamaid an Gàidhlig iad. Tha so duilich ri ’dheanamh, air uairean, leò san nach tuig cia meud a tha air fhilleadh ann; ach nochdaidh mi, ’n uair a thig mi gu bhi ’g iomradh air eadar-theangachadh, gur urrainnear dreach Gàidhlig a chur air smaointean Sasunnach, nach eil idir cearbach. Bheìr mi fa chomhair an leughadair deagh eiseimpleir agus droch eiseimpleir air an ni cheudna. Aithnichear air ball air bàrdachd Iain Caimbeal gu’n do leugh e bàrdachd nan Gall ’s nan Sasunnach, gun facal a leughadh de ’bhàrdachd fhéin, ach direach le bhi ’leughadh clàir-innsidh an leabhair a chuir e an clò, agus le beachd a thoirt air na h-aobhair bàrdachd a roghnaich e. Bheir mi mar eiseimpleir air aobhar a tha gann am bàrdachd no Gaidhlig, òran fo’n ainm “Taobh mo theinne féin.” Chuir am bàrd ri fonn “Auld Lang Syne,” e, agus mar sin cha bhi e air a sheinn a chaoidh—air neo faighear fonn ùr dha. Cò a tha ’dol a sheinn òrain eile na “Auld Lang Syne” do’n fhonn a tha cho dlùth-fhuaighte ris! TAOBH MO THEINE FEIN. SEISD— ’S e taobh mo theine dhòmhsa, chlann; ’S e taobh mo theine féin; Gu’m b’e siod àite blàth mo ghaoil, Aig taobh mo theine féin. RANN— ’Nuair thig mi dhachaidh anns an oidhch’, ’S mi fann ’us fliuch ’us sgith— An saoghal cosmhuil ri bhi ’n gruaim, Co duaichnidh bidh gach ni— ’S a chì mi ’n solus ’tighinn gu m’ shùil Troimh ’n uinneig dhùint’, mar reul, Gu’n tog mo chridhe suas le su und, Bhi dlùth do m’ theine féin. ’N uair chì mi ’n lasair dheàrrsach, dhearg ’S gath àite sguabte grinn, ’Us fiamh a ghàir ’s gach aghaidh ghràidh ’S gach aon ’toirt fàilte bhinn, O, c’ àit’ bheil sonas cosmhuil ris An saoghal so a’ bhròin? Cha tugainn taobh mo theine féin Air mile bon de ’n òr. ’N uair gheibh mi comunn caomh mo rùin, ’S iad dlùth dhomh air gach taobh, Gach aon ’toirt bàrr an tlus ’s am bàigh, ’S bann gràidh ’gar ceangal dlùth, Mo bhean ’s i ’cur gach nì ’na àit’, ,S mo phàisdean air mo ghlùn, Cha suaipinn taobh mo theine féin Air sonas righ ’na chùirt. Cha ’n eil an t-òran so ’na eiseimpleir mhath air bàrdachd Iain Caimbeul no eadhon ’na eiseimpleir mhath air mar a b’ urrainn da òran a dheanamh air an aobhar cheudna. ’So agaibh òran eile fo ’n ainm—“Mo dhachaidh” ris nach ’eil fonn air a chur leis a’ bhàrdach fhreagradh e ri fonn air choireiginn a tha ’nam smaointean nach urrainn domh ainmeachadh—theagamh gu’n deanadh “Gille mo ruin” a chuala mi aig Sgitheanaich ’ga sheinn, an gnothach. ORAN DO M’ DHACHAIDH. Mo bhothan beag, lurach Am fasgadh a’ bhruthaich, O, ’s mise nach d’ thugadh air stòras e; Ged gheibhinn-sa saoibhreas ’Us tigh mòr na h-oighreachd Cha ’n fhaighinn-s’ an sonas tha chòmhnuidh ann. ’N uair a bhios mi o’n bhaile, ’S mi sgith a’ tighinn dachaidh Mi fadalach, airsneulach, ònarach, ’N uair ruigeas mi m’ fhàrdach ’S a chì mi mo pháisdean, Gach aon a’ ruith ann am chòmhdhail diubh. Is tric a tha ’n saoghal ’Toirt eallaich r’ a shlaodadh, ’Us cùram nach faoin a’ dol comhla ris; Ach siod leis a’ ghaoith Gach cùram ’san t-saoghal ’N uair thig iad le faoilte ’thoirt pòige domh. Mo bhean ’us i romham Le aoidh anns an dorus A’ sealltainn an deighidh a’ chròilian ud; Ged ’s fhada an ùine O ’n sheòl i air tùs leam, Ar gaol tha cho ùr ’s nuair a thòisich e. ’N uair dheàrrsas an t-sàbaid Le sith ’us le sàmhchair, Làn taing tha ar cridhe ’san uair sin Do ’n Ti thug sinn sàbhailt Troimh ’n t-seachdain a dh’fhag sinn, ’S a mhaitheas a ghnàth tha ’gar cuairteach. An so tha ar làithean ’Dol seachad mar sgàile, ’S an fhàsaich co fhad ’s tha ar cuairt ann; Gus ruig sinn an t-àite Nach till sinn gu brath as ’S am faigh sinn an dachaidh bhios buan duinn. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. “Eagle Parlor” Matches Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe. Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, MONTREAL, TORONTO. [TD 224] [Vol. 5. No. 29. p. 8] A CEAP NOR. A CHARAID:—Tha mi ’cur an òrain so, a fhuair mi o charaid dhomh, d’ur n ionnsuidh a chum a chlo-bhualadh cha luath ’s a fhreagras sin. Cha’n eil naidheachdan agam féin a chum an sgriobhadh an dràsta, ach ’n uair a bhitheas, theagamh gu’n sgriobh mi a rithist. Tha mi toilichte gu bheil a dol ri àireamh luchd-gabhail a MHAC-TALLA gun tàmh. Guidheam “bliadhna mhath ùr dhuibh, agus moran dhiubh.” Is mi mar is àbhaist, Do charaide dileas, MURCHADH DOMHNULLACH. Oran Ur air Sean Fhonn. “CLACHAN GHUNN-DA-RUAIL.” Tha iomadh bliadhn’ a dh’ ùine Bho ’n là chùlaich mi le gruaman An dachaidh anns an d’ àraicheadh, Gu fallain, blath, gun ghruaim, mi. Bho sin gu so neo-chaochlaideach, Na h-uile taobh a ghluais mi, Bha Freasdal caomh dhomh fàbharrach, A iomadh càs ga m’ fhuasgladh. Cha d’ dhi-chuimhnich mi ’n cròileagan, Le ’n robh mi òg gun uallach, A fàs gu geanail àbhachdach, Gun aithn’ air cràdh no cruaidh-chas. Ach faic an diugh a mùthadh so ’Rinn ùine thoirt mu ’n cuairt oirnn; Chaidh sgapadh anns an àlach ud, ’S tha cuid a tàmh ’s an uaigh dhiubh. Is gearr an ùine a dh’ fhairich sinn, A dh’ fheud sinn fantuinn suaimhneach Am fasgadh blàth a chéile, Far nach d’ èirich dragh no tuasaid. ’S ged fhuaradh dachaidh shiochail leam, Is teaghlach rianail suairce, ’N’ur measg bidh ’n inntinn shiubhlach so Gu tric, am dhuisg ’sam bruadar. ’S ged ’s fhad’ o cheile a stiuireadh sinn ’S ged ’s fhad’ an ùine ’o’n uair sin Cha sgaoil an daimheachd dhlighach so Gu ’n sguir ar cridh’ a bhualadh. Tha iomadh ni a caochladh dhuinn ’S tha ’n aois a faighinn buaidh oirnn; A tanachadh ar ciabhagan ’S a preasadh sias ar gruaidhean. Thoir soraidh ùr an drasda bhuam A null gu sàil na fuar-bheann. Mo dhùrachd do no dh’ fhágadh ann Gu mair dhaibh slàinte ’s suaimhneas. Achasan an Deideidh. A DEUDACH DHOMHNUILL FHRISEIL. Le Uilleam Ros. Mile marbhaisg ort a dhèididh, Thar gach galair, ’S duilich leam mar dh’ fhàg thu M’eudail dheth na fearaibh, Bheir gach tinneas eile dhuinne fànadh ’S fàth furtachd. Ach ’se bheir thus’, a bhruidear mhilltich, Ionnsuidh mhort oirnn: Cha’n àill leat gun d’theid deoch no drama, Steach fo’r carbad. Ach gabhail dhuinn as ar claigeann ’S ar grad mharbhadh. Cha luaithe dh’ éirich Domhnull Friseil As a’ chuartaich, Na chuir thusa do nimh ’an ìre Gus a thruailleadh; Cha’n fhoghnadh leat na rinn an teasuch Air an truaghan, Ach thu fein a dhroch bhuill deis’ A dhol ’ga thuairgneadh, Bha cnaimhean a chinn, a’s eudann ’Sa dheud uile, Mar gu’m biodh muill’ear ’ga riasladh Fo chloich mhuilinn: No mar gu’m biodh gobha Gallda Ga theann sparradh, An glamaire teannta, cruaghach Do chruaidh stàilinn. Ach thig do dhriug mur ’eil mi meallt’ Ma chluinn Mac-Shimidh, An diol a rinn thu, a thrudair bhrùideal, Air fhear-cinnidh, ’S esan a loisgeas an dù’-thuill ort, ’S cha sinne uile! Bhir e ’n t-arm dearg a Sasunn Gu do sgiursadh, Le peileirean dearga, lasrach, A’s neart fùdair— Grain ort nach do ghabh thu trudar No fear doicheil, Ach an duine fiughantach, fialaidh, Chur o chosnadh, ’Sa liughad cailleach sgaiteach, bheur’, A’s reabhair caile Tha feum an carbad ’s an deudach A leir sgaradh; Edar Irt, a’s Peairt, a’s Ile ’S tìr Mhic-Ailein, No ge do thogradh tu sineadh, Aig a’ bhaile. CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95 [TD 225] [Vol. 5. No. 30. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 30, 1897. No. 30. Mu Bhas Mathar. Is muladach do mhuinntir òg, os ceann aon ni eile, bàs màthar; bàs na bana-charaid sin a’s dlùithe, a’s dìlse a bh’ aca air thalamh, ris am bu chleachdadh dhoibh amharc suas leis an urram a b’ àirde, d’ am b’ àbhaist doibh an iomaguin innseadh, an cridheachan fhosgladh, agus air ’n do chàirich iad an làn-earbsa gun eagal gun sgàth. Cha’n eil deuchainn eile is uarainn teachd an rathad muinntir òig do’n dù barrachd bròin a dhùsgadh na bàs màthar chaoimh. Tha so soilleir ma bheir sinn fainear nach ’eil gràdh san t-saoghal a dh’ fheudar a choimeas ri gràdh màthar d’a sliochd. Feudaidh foill a bhi anns gach càirdeas eile, ach foill cha robh ’s cha bin sa’ chàirdeas so. Feudaidh gràdh muinntir eile bhi blàth, ach cha’n fheudar a choimeas n blàthas a’ ghràidh sin a tha ann an uchd na màthar. Is suarach leatha-se fois agus tàmh, suain na h-oidhche, agus saothair an là air sgàth a cloinne. Ma tha iadsan ceart, tha ise toilichte. Nach dù do’n leanabh a bhi brònach le bàs na màthar! Bu taitneach leamsa, a deir e, ’s e ’ga caoidh, cainnt a caoimhneis agus iorghoill a gràidh; ach ’s fuar an nochd anns an ùir an cridhe leis am b’ ionmhuinn mise; agus na gairdeanan leis an tric a dh’ altrum i mi le gràdh: tha na bilean sin as am minic a thàinig comhradh a chaoimhneis, agus comhairle na céile, a nis ’nan tosd ann an suain a bhàis. Ann am bàs màthar tha clann a’ call a’ chùraim fhaicillich nach motahich iad am feasd tuillidh. Cha’n ’eil e comasach an imcheist a tha màthair a’ fulang airson a cloinne a thuigsinn, ach leò-san a dh’ fhiosraich e. Am bheil, gu dearbh, ann aobhar imcheist aig màthair ach a teaghlach; agus cha’n iomaguin thulgach a bhios aice, ach a là ’sa dh’ oidhche fhad ’s is beò i, agus gu tric ann an glaic a’ bhàis, anns an osna leis am bheil an deò a’ fàgail a’ chuirp, tha ’h-ùrnuigh dheireannach a’ dol suas as an leth. ’Nuair dh’ fhalbhas ise an ioghnadh iadsan a bhi fo bhròn! Co ris a nis a chuireas iad an comhairle ann an là na h-airc; agus co bheir dhoibh misneach ann an àm am bròin? Dh’ fhaibh ise a rinn faire orm mar aingeal frithealaidh; dh’ fhalbh i air an t-slighe as nach pill i. ’S nàdurra dhoibh, uime sin, gu’n ionndrain iad a bàigh. ’An àm tinneis, co bha cho furachir? An robh làmh eile ann a laimhsicheadh a’ chreuchd gun a leòn, mar dheanadh ise? Cò a cheartaichear a’ chluasag air adhart leabaidh na h-euslainte mar dheanadh ise? Rìamh cha d’ thug i suas a dùil: ged a bha ’suil a’ sileadh, cha chualas a gearan. Ged a thigeadh a’ chlann gu bochduinn cha’n fhaicte caochladh air a gnùis. Roinneadh i riu an greim mu dheireadh: ge nach biodh aice ach làn an dùirn do mhin, bu leòsan e fhad ’s a mhaireidh e. Ged a bheireadh teanga a mhi-ruin beum dhoibh, cha’n éisdeadh i ri tuaileas, agus cha chreideadh i droch sgeul. Ann am bàs màthar tha muinntir òg a cail na comhairle a’s priseala. Tha clann òg aineolach mu’n t saoghal, agus mu chuilbheairtibh an t-sluaigh: tha iad gach àm ann an cunnart a bhi air am mealladh le baoth-chàirdeas mi dhileas; ach cealg cha’n eil ann an comhairle màthar. Cha ruigear a leas ni sam bith a chleith uaipe; agus bheir i a comhairle ann an caoimhneas cainte le caomhalachd agus bàigh. Nach d’ fhiosraich cuid agaibh so ann an laithibh ’ur n-òige; agus nach brònach ri smuaineachadh, nach ’eil a gliocas ni ’s faide agaibh? Co a stiùir sibh gu cathair nan gràs ’nur leanabas? Co a theagaisg dhuibh an glùn a lùbadh, ’s a chuir briathran freagarrach ’nur beul? Co labhair ribh mu ghràdh ’ur n-Athar nèamhaidh, a dh’innis duibh mu Chriosd, agus a dh’ aom sibh gu cobhair agus stiùraidh Spioraid nan gràs asluchadh? A chaoidh cha’n fheòraich i dhibh tuillidh, An do chuimhnich sibh an diugh air Dia? Cha tog i leibh tuillidh an laoidh: cha teid i tuillidh roimhibh do thigh Dhé: cha suidh sibh tuille leatha a dh’éisdeachd an fhocail. Tha ’n t-àit am b’àbhaist di suidhe aig bòrd a’ chomanaich,—am Biobull as am bu ghnàth leatha focal na slaint a leughadh,—an leaba as an do chuir i suas a choilion ùrnuigh air mo shon, air an do ghabh mi a cead deireannach, nach di-chuimhuich mi a chaoidh; tha so uile a’ toirt ann am chuimhne na chaill mì: gu’n tugadh Dia comas domh feum iomchuidh a dheanamh dheth. A’ Chailleach ’s an Clamhan. O chionn da fhichead bliadhna bha a’ fuireach ’n am choimhearsnachd seana bhean mu cheithir fichead bliadhna dh’ aois, a bha ’cumail taighe maille ri nighean dhi. Bha an nighean moran na b’ òige na i. Bha tigh beag aca aig bonn beinn’ àird, allt beag a ruith seachad air a chùl, agus rathad mor an righ air a bheulaobh, agus gle fhaisg air. Cha robh ach gle bheag de thalamh réidh timchioll air, ach bha moran de chraobhan àrda ann, agus coille dluth mu’m bonn. Cha robh aca ach gle bheag de spréidh—aon ghobhar aig am faighte bainne na ti, agus treud de chearcan, a bheireadh uidhean dhaibh gus an ti a cheannach. Air son am beòlaint, cha bhiodh dith orra no gainne, agus pailteas de gach seòrsa aig na coimhearsnaich. Ann am mullach craoibh mhoir, àird, air gualla na beinne, bhiodh nead aig clamhan na h-uile bliadhna, agus bha sin na dhragh mor do na cearcan ’s do na chaillich. ’S iad na h-eòin bu lugha b’ fhearr leis a chlamhan na na seann chearcan, ach ’nuair a theirig na h-eireagan b’ fheudar dha toiseachadh air na seana chearcan, fhad sa mhaireadh iad. Bha ’n obair so a cur moran mullaid air a’ chaillich. Cha d’ fhuair i riamh de dhioghaltas a dheanamh air a’ chlamhan ach clachan us maidean a thilgeadh air, agus a chàineadh gu math ann an Gàilig ’nuair a bhiodh e goid nan isean. Air latha àraid mu thoiseach an fhoghair, dh’ fhalbh an nighean mar a b’ àbhaist air chuairt do ’n choimhearsnachd, agus cha robh aig an tigh ach a’ chailleach fhéin. Bha i ’na suidhe air furan [?] chas aig an dorus, gu dian a’ fighe stocain, agus i gle shocrach na h-inntinn. Chual’ i sgread am measg nan cearc, agus air dhi sùil a thoirt a mach chunnaic i an clamhan a’ sàs anns a’ choileach. Ghrad éirich i agus rinn i greim air a bhata bha daonnan faisg oirre, agus rinn i cabhag gu dhol ’san eadraiginn. Gu fortanach thuit fear de ’còtaichean dhith, thog i leatha e agus leum i air a h-aghaidh. Mu ’n robh fhios aig a’ chlamhan gu de bha ’tachairt, chaith a’ chailleach an gùn m’a chean agus i-fhéin air muin sin. Thòisich an cath agus an uine gun bhi fada fhuair i an coileach a leigeil m’a sgaoil. B’e so àm na caillich air son dioghaltas a dheanamh. Bhuail i an gùn le h-uile neart, buille air muin buille, gus nach robh aice dhe’n bhata ach na bha na dòrn; bha ’n còrr air falbh ’na spealgan. An uair a fhuair i a h-anail agus a chunnaic i nach robh gluasad aig an fhear a bha fo’n ghùn, thog i an gùn agus fhuair i e ann an staid anns nach cuireadh e dragh oirre fhéin no air a cuid chearcan a chaoidh. GILLEASBUIG. Chosg e ochd fichead us coig mile dolair do bhaile New York na sràidean a ghlanadh o shneachda an deigh na stoirm a bh’ ann o chionn ghoirid. [TD 226] [Vol. 5. No. 30. p. 2] A’ MHAIGHDEANN LOCHLUNNACH. Bhasaich clann Alastair III. uile roimhe féin. Bha a nighean, Mairireat, air bhi posd’ aig Eiric, mac righ Lochluinn, air lorg còrdaidh a rinneadh eadar an dà rioghachd ’an àm nasgaidh na sìth’ an déigh blàr Làirg. Thàinig Eiric an déigh sin gu bhi na rìgh air Lochlunn. Ach bi aon nighean a bh’ aig ban-righ Mairireat air an robh a h-ainm féin. Bhàsaich Prionns’ Alastair, mac an rìgh an déigh tighinn gu fearachas, agus ged a bha e pòsda cha d’ fhàg e duine cloinne. Cha bu luaith’ a chual a phiuthar, ban-righ Lochluinn mu ’bhàs na ’dh ’fhàs i féin tinn, ’us bhàsaich i goirid an déigh sin. Cha robh, mar so, duine beò dheth ’n teaghlach rioghail ’n uair a dh’ fhalbh an rìgh ach an aon ogha nighinn a bh’ aig’ an Lochlunn. Chaidh a’ bhan-phrionnsa sin éigheach ’na ban-righ Alba gun dàil an déigh bais a seanar, ’s gun i ach ochd bliadhn’ a dh’ aois. ’S i ’Mhaighdeann Lochlunnach, a theirear rithe mar is tric’ ’an eachdraidh. Chuireadh luingeas ’an òrdugh air son a toirt a nall gu rioghachd a sinnsir. Bha Sir Michel Scot, duine ro chliùiteach, ’na aon de na cùirt-theachdairean a bha ga coimheadachd a nall thar chuan. Aig an àm so bha duine ro “shaoghalta, dàn’” air righ-chaithir Shasuinn, Eideard I. B’ esan bràthair na ceud ban-righ a bh’ aig Alastair III. agus bràthair seanar Maighdeinn Lochluinn. Bhiodh e ’n tràths ’us a rìs a’ tilgeadh sùil dhéigheil a nall air Alba. Bha ’cheud oidhirp a thug e air Alba a cheangal ri ’rioghachd féin, laghail gu leòir na’m biodh e air soirbheachadh leis; b’e sin cùmhnant pòsaidh a dheanamh eadar a mhac féin agus ban-righ òg Alba, agus i fathast ’s an tir ’s an d’ rugadh i. Ach ’s e bha ’n sud cùmhnantachadh dhaoine, ’s ged bu daoine cumhachdach iad, cha robh cumhachd ac’ a bheireadh an rùintean gu crìch. Ged bu leanabh rioghail, agus ri mhùirneach ’s an àm ud a’ bha ’n Lochlunn, bha i co buailteach do thrioblaid ri leanabh eile. Chaidh gach ni gu math leis na teachdairean Albannach gus an d’ ràinig iad Arcu a tighinn air ais. Dh’ fhas a bhan-phrionnsa tinn, ’s bhàsaich i ’n sin. Bha rioghachd Alba gun oighre, ach feadhainn a bha fad as, ’s e’ àit a nis an robh cumhachan rìgh Shasuinn. Shaoileadh daoine gu’n leigeadh Eideard dheth a dhùil ri Alba fhaotainn tuilleadh. Ach cha b’ e sin fear a bh’ ann. Tha e air a shamhlachadh le cuid de luchd-eachdraidh ris an rìgh air a bheil an Sgriobtur a’ labhairt, “A mheudaicheas a mhiann mar ifrinn, agus a tha mar am bàs, agus nach urrainn a bhi air a shàsachadh, ach a chruinnicheas thuige féin na h-uile shlòigh.” Bha e, goirid roimh sud an déigh na Ueilsich a cheannsachadh, agus an rioghachd bheag ac’ a chur ri rioghachd Shasuinn. B’ iadsan sliochd ceud luchd-àiteachaidh Bhreatuinn a deas, a bh’ air am fuadachadh leis na Sacsonaich do oisinn an iar-dheas na dùthcha, mar dh’ ainmicheadh cheana, agus a chuir suas prionnsa dhiubh féin os an ceann, ’s a sheas mar rioghachd, le ’n laghannaibh ’s an seana chainnt féin ré còrr is ochd ceud bliadhna, gun an do chuir Eideard so ’n a cheann an ceannsachadh. An déigh dha buaidh fhaotainn orra ’an cogadh, dh’ fhàisg e uatha cumhachan cruaidhe; agus an ùine ghoirid dh’ éignich e iad le fòirneirt gus na cumhachan sin a bhriseadh, agus eiridh ’an ceannairc ’na aghaidh. Chaidh e ’n sin a mach nan aghaidh le feachd cumhachdach leis an do sgap e o chéil’ an armailt-san. Fhuair e ’n làimh ’us chroch e Liu-ellen, am prionnsa, agus rinn e ’ni ceudna air a’ mheud de’n cuid bàird ’s air an d’ fhuair e greim, a chum ’s nach biodh iad le ’m bàrdachd a’ cumail suas misneachd an luchd-dùthcha, le bhi seinn gniomharan euchdaidh an sinnsireachd. O ’n àm so tha Ueils aonaichte ri crùn Shasuinn, agus theirear prionnsa Ueils ri tànisteir rioghachd Shasuinn. Ach air a shon so uile ghléidh iad an seana chànain féin gus a nis, ’s tha caochladh phaipeirean naigheachd, ’us eòlasan eile de gach seòrs’ air an craobh-sgaoileadh innte. Theirear Gàeltachd Shasuinn ri Ueils, mar eadar-dhealaichte o Ghàeltachd Alba. Bha Eideard ’na dhuine làidir ’am pearsa. Theirteadh an Fad-luirgneach ris, a thaobh co àrd ’s a bha e. Bha e mar an ceudna co seòlta ’s a bha e co fuilteach. B’ aithne dha crùbadh sìos roimh dha leum air a’ chreich, cosmhuil ris an liopard, a bha e ’giùlan mar shuaicheantas air a sgéith. ’N uair a chuir àireamh maith, mu’n cuairt do dhusan, de na tighearnan Albannach còir-thagraidh a steach air a’ chrùn, mar mhuinntir a bha ’n dlùth chàirdeas ris an teaghlach rioghail, cho-aontaich iad, air sgàth dòirteadh fola ’sheachnadh, an còraichean a chur fa chomhair rìgh Shasuinn, mar an coimhearsnach bu chumhachdaiche a bh’ aca, ’s a bhi riaraichte leis a’ bhreith a bheireadh e. Chuir e mar chumh’ orra gu’m feumadh iad e féin aideachadh mar àrd-thighearna, no uachdaran na rioghachd. Chuir an t-agartas so iongantas ’us uamhas air an àireamh de àrd mhaithean, ’s de luchd-eaglais na h-Alba, a bh’ air tional gus a choinneachadh aig a’ chrìch Shasunnaich, agus dhiùlt iad freagradh sam bith a thoirt gus am biodh ùin’ ac’ an comhairl’ a chur ri ’cheil’ air leth. “Ach,” ars’ esan le speuradh uamhasach, “air Naomh Eideard, d’ am buin an crùn a th’ air mo cheann, bheir mi mach mo choir cheart, no caillear mi ’s an oidhirp.” Aig an àm cheudna sgaoil e ’n comh-chruinneachadh Albannach, a’ toirt doibh trì seachduinnean de dhàil gu iad féin a thoirt a nuas a dh’ ionnsuidh an ni a bha e ’g iarraidh. Bha ’n rioghachd co mòr air a roinn le àireamh co lionmhor de luchd comh-shreip a bha ’sealltuinn air son a’ chrùin s’ gu ’m faca na bha dhaoine glic’ innte nach robh coslas sam bith air gu ’m b’ urrainn iad aghaidh a chumail ris an nàmhaid chuilbheartach ud, a bha ga chromadh féin sios gu grad leum orra aig a’ cheud chothrom a gheibheadh e. Dh’ fhàg iad an gnothuch gu h-iomlan eadar e-féin “’s an dusan.” Agus ’nuair a thàinig an ceann là, choinnich an dà fhear-dheug sin Eideard a rìis, ’s mar a bha gach fear ’an dùil gu’n cuirte comain air an aon a b’ ullaimh a bhiodh gus am breitheamh a thoileachadh, dh’ aidich iad uile, fear ’an déigh fir, gu’n robh iad deònach air a’ chrùn a ghabhail o làimh Eideaird mar àrd-thighearna na tìre!!! Bha fios aig Fad-luirgneach gu math co dheth ’n deanadh e atharrais rìgh. Ach ’nuair a fhuair e iad uile mar sud gu ’dhòigh féin, thòisich e le mòr shòluimteachd, ma b’ fhìor, air rannsachadh còir gach aoin fa leth dhiubh air a’ chrùn. Chunnacas gu h-ath-ghoirid gu ’n robh ’chòir a’ seasamh eadar Raibeart Brus, Morair Annandail agus Iain Bailiol, triath Gha obhaigh. B’ iad sin da rìreadh a b’ fhaisg’, a thaobh càirdeis, air an teaghlach rìoghail a dh’ fhalbh. B’ e Bailiol ogha Maireireit, nighean bu shine Dhaibhidh, Iarla Huntington, bràthair Uilleam an Leòmhan, mar a chaidh ainmeachadh cheana, agus mar sin b’ e brathair seanar Alastair III. Thug Eideard an crùn do Bhailiol. Fhuair e cothrom tighinn gu ruige Scoinne gu bhi air a chrùnadh, ach b’ éigin da dol a rìs do Shasunn a dheanamh ùmhlachd do Eideard. An déigh an allabain so uile thàinig e air ais do cheann bhaile na rioghachd gu suidh’ air rìgh-chathair Alba ’bha glé dheilgneach. B’ e ’n rian a ghabh Eideard air son fàth fhaotainn gu ’thilgeadh thar na caithreach, a bhi ga shior-shàrachadh le fanoid ’s le fòirneirt, gus an éignicheadh se e gu éiridh ’an ceannairc. Na ’m biodh neach sam bith ’an Alba mi-riaraichte leis a’ cheartas a bha Baliol a’ deanamh dha, bha Eideard a’ fiadhachadh gach aon dhiubh sin gus a chùis a thogail gu ’chùirt féin. Bha e mar bu trice mar so a cur an neo-bhrigh gach cùis-bhreith a bha Baliol a’ toirt ’an Alba, ’s a deanamh cùis-mhagaidh dheth am fianuis a chuid iochdarana féin. Na’n gabhadh e dhànadas air gearan sam bith a dheanamh air deanadas Eideard, bha ’n smachdachadh air a dheanamh mòran ni bu mhiosa. Fadheòidh, leis gach gonadh ’us tàmailt a bha e faotainn, rùnaich Bailiol còmhnadh iarraidh air righ na Frainge gus a’ chuing Shasunnach a thilgeadh dheth; agus sgriobh e dh’ ionnsuidh Eideard nach robh e gu bhi ni b’ fhaide ’na eisimeil ’an ni sam bith. “Ah!” ars am Fad-luirgneach, “an dàna leis an leth-chiallach ud gniomh co amaideach a dheanamh; o nach ruig e sinne, mar is dleasdanach dha, théid sinne far am bheil esan.” Chruinnich an Sasunnach feachd lìonmhor air ceann an do thriall e do Alba. Chuir e ’n ruaig air Bailiol ’am blàr a chuireadh aig Dunbhàr. Mar a bha Bailiol ’na dhuine meath-chridheach leig e seachad an còmhrag. Thàinig e gu h-umhal ga thoirt féin suas do Eideard, ag aideachadh gu ’m b’ [TD 227] [Vol. 5. No. 30. p. 3] ann le droch comhairle muinntir eile ’bha e air a bhrosnachadh gu ceannairc ’an aghaidh an neach a b’ e ’àrd-thighearna; agus ag aiseag air ais do Eideard rioghachd Alba, leis gach dligh’ a bhuineadh do ’n chrùn, chaidh a rùsgadh an sin de gach inbh’ ’us onair a bh’ aige, agus a leigeadh air falbh, ’an déigh beagan prìosanachaidh, mar chreutair gun diù, ’an déigh ainmeachas rioghalachd a mhealtuinn ré chùig bliadhna. Fhuair Eideard a nis an rud a bha e ’miahnachadh ’s ag iarraidh o cheann fada, cion-fàth no leth-sgeul air son Alba thoirt gu h-iomlan fo a chomannda féin, gun uiread ’us faileas rìgh no uachdarain a bhi seasamh eadar e ’sa thoil fèin fhaotainn deant’ o cheann gu ceann de’n eilean Bhreatunnach. Thriall e troimh Alba air cheann feachd chumhachdaich, a’ toirt air an t-sluagh anns gach inbhe fa leth e féin aideachadh mar an rìgh dligheach uaithe sud a mach. Lion e daingnichean Alba gu h-iomlan le freiceadainibh de shaighdearan Sasunnach. Dh’ òrduich e Iarla Mhuireidh ’na fhear-dìon Alba, ’s shuidhich e Sasunnaich ’an àrd dhreuchdaibh stàtail na rioghachd. Thug e leis crùn agus slat rioghail Alba, agus eadhon clach a’ Mhanaidh, an Lia Fàil, air am b’ àbhaist a bhi ’cur rìghrean na h-Alba ’n an suidh’ aig àm a bhi ga’n crùnadh. Tha ’Chlach iomraiteach sin air lorg fathast ’an Lunnuinn, agus a’ deanamh suas pàirt de’n chaithir air am bi righ Shasuinn a’ suidhe ’n àm a bhi ga chrùnadh. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh mar an ceudna gu’n tug Eideard air falbh còraichean sgrìobhta nan tighean Mhanach, agus na h-eachdraidhean bu shine ’fhuair e annta gus am milleadh e na h-uile dearbhadh sgrìobht’ air gu ’n robh Alba roimhe sud ’na rìoghachd shaoir. ’An déigh na h-uile nithe chur ’s an òrdugh a thogair e fèin, phill e dhachaidh le buaidh chaithream, a’ giulan nan seudan bu ro luachmhoir’ a bhuineadh do ’n rioghachd ud a bha e nis an dùil bu leis féin ’s le ’shliochd uaithe sud a mach. SGEULACHDAN ARABIANACH. IV.—NAIDHEACHD AN T-SEANN DUINE AIG AN ROBH DA CHU DHUBH. “A Phrionnsa nam fathach,” ars’ an seann duine, “is triuir bhraithrean mi fhein ’s an da chu dhubh so. An uair a dh’ eug ar n-athair, dh’ fhag e mile bonn airgid an t-aon againn. Dh’ fhosgail sinn ’nar triuir buth eadrainn, agus thoisich sinn ri marsantachd. An ceann beagan uine is e an smaointean a bhuail ann an ceann mo bhrathar bu shinne, gu ’n reiceadh e a chuid, agus gu’ n rachadh e leis an airgid a shiubhal an t-saoghail ’s a dheanamh tuilleadh fortain. B’ ann mar so a rinn e.” An uair a bha e bliadhna air falbh, bha mi latha anns a’ bhuth, agus thainig duine bochd a steach far an robh mi, agus shaoil leam an uair a chunnaic mi e gur ann a dh’ iarraidh deirce a thainig e. “Gu ’n cuidicheadh Dia leat, a dhuine bhochd,” arsa mise. “Gu ’n cuidicheadh Dia leat fhein,” ars’ esan; “cha ’n fhaod e bhith nach ’eil thu ’g am aithneachadh?” An uair a thuirt e so, sheall mi ni bu gheire air, agus dh’ aithnich mi e. “Ah, bhrathair,” arsa mise ’s mi ’deanamh greim air gu teann ’n am ghairdeanan, “cia mar a b’ urrainn domhsa d’ aithneachadh ’s tu cho truagh coltas ’s a tha thu?” Thug mi air tighinn a steach do ’n taigh, agus dh’ fheoraich mi dheth cia mar a bha e ’na shlainte, agus cia mar a shoirbhich leis air a thurus. “Cha ruig thu leas a bhith faighneachd cia mar a tha mo shlainte, no cia mar a shoirbhich leam; foghnaidh dhut sealltainn orm, agus tuigidh tu mar a thachair dhomh. Ged a dh’ innsinn dhut a h-uile car mar a dh’ eirich dhomh o’n a dh’ fhalbh mi, cha deanadh e ’dh’ fheum dhutsa agus dhomhsa ach mo bhron ’s mo dhoilgheas a mheudachadh,” ars’ esan. Gun dail sam bith dhuin mi a’ bhuth, agus dh’ fhalbh mi leis do ’n taigh-fharagaidh, agus an uair a nigheadh ’s a ghlanadh e gu math ’s gu ro mhath, chuir mi deise ur aodaich uime. Beagan uine ’na dheigh sin, an uair a rinn mi suas mo chunntasan, fhuair mi am mach gu’n robh da mhile bonn airgid agam, agus thug mi dhasan an dara leith de na bh’ agam. “Ni an t-airgiod sin suas do chall, a bhrathair,” arsa mise. Ghabh e an t-airgiod uam gle thoileach, agus bha e fuireach comhladh rium mar a bha e mu ’n d’ fhalbh e. An ceann uine ’na dheigh so, bhuail e anns a’ cheann aig mo bhrathair eile—fear de na coin so—gu ’m bu choir dha fhein a chuid de ’n t-saoghail a reic, agus falbh a shiubhal an t-saoghail ’s a dheanamh tuilleadh fortain. Ged a bha mise agus mo bhrathair bu shinne fada, fada an aghaidh dha so a dheanamh, cha ghabhadh e ar comhairle. Chuir e roimhe am muigh ’s am mach gu ’m falbhadh e. An uair a chunnaic sinn nach robh feum dhuinn a bhith bruidhinn ris, leig sinn leis a thoil fhein a dheanamh. Reic e gach ni a bh’ aige, agus cheannaich e gach seorsa bathair a shaoileadh e a fhreagradh ’s an duthaich do ’n robh e ’dol. An uair a fhuair e gach gnothach deas, dh’ fhalbh e comhladh ri marsantan-siubhail a bha ’dol do dhuthaich fad as. An ceann na bliadhna thill e, agus e a’ cheart cho bochd ’s cho truagh coltas ri ’bhrathair. Rinn mise ris mar a rinn mi ri mo bhrathair bu shinne—thug mi dha an dara leith de mo chuid de ’n t-saoghal. An ceann bliadhna no dha, thuirt gach fear de m’ bhraithrean rium, gu ’m bu choir dhuinn ’n ar triuir falbh air turus-cuain a reic ’s a cheannach mar a bha iomadh duine eile ’deanamh. Thuirt mi riutha gur beag a bhuannaich iad fhein le cheile air a bhith air falbh, agus na ’n d’ fhan iad aig na taighean a’ toirt an aire air an gnothach mar a rinn mise, gu robh iad moran ni b’ fhearr dheth na bha iad. “Co theid an urras dhuibh,” arsa mise, “gu ’m bi sibh ni ’s fhearr dheth le falbh ria bhios sibh le fuireach?” Ach a dh’ aindeoin na theirinn riutha cha b’ urrainn domh thoirt orra a’ chuis a leigeadh as an ceann. A dh’ aindeoin na rinn iad de chomhairleachadh orm, sheas mi am mach ’nan aghaidh fad choig bliadhna. Mu dheireadh thall, thug mi m’ aonta dhaibh. Ach an deigh dhomh mo chuid uile a reic ’s mi ’dheanamh deiseil air son falbh, fhuair mi am mach nach robh bonn de ’n airgiod a thug mi dhaibh nach do chosg iad. Cha dubhairt mi gu ’m b’ olc riutha. An aite sin, o’n a bha sia mile bonn airgid agam, thug mi dhaibh mile bonn am fear. Chum mi mile bonn eile agam fhein. “Mo bhraithrean,” arsa mise, “falbhaidh sinn leis na tri mile bonn airgid, agus ni sinn ceannach agus reic leotha. Ach air eagal nach soirbhich leinn cho math ’s bu mhath leinn, cuiridh sinn na tri mile bonn eile ann am falach an aite sabhailte gus an till sinn. Chuir mi na tri mile bonn am falach fo ’n urlar ann an oisinn an taighe. Thuarasdalaich sinn long eadrainn, agus luchdaich sinn i leis gach seorsa bathair a shaoileamaid a b’ fhearr a ghabhadh reic, agus sheol sinn.” Fhuair sinn soirbheas cho fabharach ’s a dh’ iarramaid. An ceann da mhios rainig sinn gu sabhailte am baile-puirt anns an robh sinn gus am bathar a chur a mach. An uair a chuireadh am mach am bathar, fhuair sinn reic dha cho math ’s bu mhiann leinn. Is mise a b’ fhearr a rinn; oir rinn mi air a’ bhathair a dheich uiread ’s a chuir mi ann. An uair a cheannaich sinn luchd na luinge de bhathar a bha sinn gus a thoirt leinn air ais, rinn sinn deas air son falbh. Tiotadh mu ’n deachaidh sinn air bord, bha mi ’n am sheasamh air bruaich a’ chladaich. Thainig bean uasal far an robh mi, agus ged a bha i gle mhaiseach ri amharc oirre, cha robh uimpe ach droch earradh. Cha bu luaithe a thainig i far an robh mi na phog i mo lamh. Ghuidh i orm ann am briathran anabarrach durachdach mi ’g a posadh ’s a toirt leam. Cha robh mi deonach so a dheanamh. Ach lean i air bruidhinn rium ’s air mo chomhairleachadh gus a posadh. Thuirt i, ged a bha i cho bochd coltas ’na h-earradh, gu’n rachadh i an urras nach ruiginn a leas aithreachas sam bith a ghabhail air son a posadh. Mu dheireadh, leis a h-uile ’comhairleachadh a rinn i orm, dh’ aontaich mi gu ’m posainn i. Gun dail sam bith cheannaich mi aodach freagarrach dhi. Agus an deigh dhomh a posadh, chaidh sinn air bord, agus sheol sinn. O latha gu latha, mar a bha mi ’fas ni b’ eolaiche air a’ mhnaoi, is ann bu mho ’s bu mho a bha mi ’gabhail de thlachd dhith. Aig a’ cheart am bha eud mor aig mo dhithis bhraithrean rium, a chionn gu ’n do (Air a leantuinn air taobh 230.) [TD 228] [Vol. 5. No. 30. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, IANUARAIDH 30. 1897. Ann an àireamh dhe’n MHAC-TALLA a thainig a mach o chionn ghoirid, thug sinn do’r leughadairean litir a chuir ar caraid “Cabar-Feidh” dh’ ionnsuidh na Highland News ag iarraidh suim airgeid a chur cruinn air son a bhi air a roinn mar dhuaisean air son teagasg na Gàilig anns na sgoilean. Tha sinn toilichte chluinntinn uaithe sin gu bheil àireamh dhaoine an deigh an ainmean a chur sios air son cuideachadh leis an aobhar sin; nam measg tha “Cabar-Feidh” fhéin agus “Lamh Laidir,” agus cha’n eil teagamh againn nach dean moran de na Gàidheil an deagh eiseimpleir so a leantuinn. ’S e ar barail gu bheil an gluasad so a dol a dheanamh feum mor do chainnt nan Gaidheal. Tha a phlàigh anabarrach dona ann am Bombay, agus tha i a’ sior-sgaoileadh air iomadh dòigh. Tha ’n sluagh a teicheadh as a bhaile agus a’ giùlan na plàigh leotha do’n dùthaich. Tha mar an ceudna na radain ’ga gabhail ’s a bàsachadh nan ceudan. Tha na seangain ag ithe nan radan, agus tha iadsan a toirt na plàighe do na taighean, oir cha’n eil dòigh air an cumail a mach. Tha e mar sin coltach nach gabh stad cur air a’ phlaigh gus an sguir i leatha fhéin. Tha mu dha cheud pearsa ’san latha ’bàsachadh leatha ann am Bombay. Cha’n eil ach an treas earrann de na tha ’ga gabhail, beo as a deigh. Ma tha e comasach do aon de leughadairean MHIC-TALLA cuid a dh’ òrain Sheumais Chaimbeil, a chaochail anns a Mhèin a Tuath mu mheadhon an t-samhraidh, 1891, a chur d’ ar n-ionnsuidh, bhitheamaid toileach am faotainn. Rugadh e an Uidhist a chinn a deas, agus thainig e òg do’n dùthaich so an cuideachd a mhuinntir. Bha e chòmhnuidh ùine mhor ann am Baoghasdal, agus an sin chaidh e le ’theaghlach do’n Mhèinn a Tuath. Rinn e iomadh òran ged nach eil moran dhiubh an diugh air chuimhne. Cha’n e mhàin gu bheil Sàr Ruisia an còmhnuidh an cunnart a bheatha fhéin, ach tha gach aon a theid faisg air anns a chunnart cheudna. Thachair gnothuch mulladach ’na làthair o chionn ghoirid Smèid e air gàradair, a bha ’g obair ann am pàirce faisg air, tigh’nn far an robh e. Thainig an duine ann an cabhaig, ach air dhoibhsan a bha ’geard an urra rioghail fhaicinn, loisg iad air, an duil gu’m bu duin’ e bha airson tigh’nn ri beatha an t-Sàr. Chuir bàs an duine bhochd cràdh mor air an t-Sàr, agus cha b’ iongantach ge do chuireadh. Tha e soilleir gu leòr nach iad na daoine ’s airde ’s inbheiche ’san t-saoghal a’s motha sonas. ’S beag sonais a tha ’n Sàr bochd a mealtuinn. Litir bheag a’ Baile ’Chaochain. Ceud fàilte ort, fhir-dheasachaidh! cha ’n eil an ùine fada bho na rinn mi furan a chur ort ’sa Ghàilig ann ad thigh fhéin; ach goirid ’s mar a tha i, thainig iomad caochladh air an t-saoghal, agus ormsa mo chuid fhéin; Tha mi ’m bliadhna air mhuinntireas aig a ghobha, a caitheadh na h-aimsir ’sa cheardaich, agus air m’ fhacal, tha iomad àite ’san domhan moran na’s taitniche ’bhi ann na ’cheardach, gu sònraichte air latha cho fuar ris an lath’-an-diugh. ’S ioma seòmar blàth, glan, uidheamaichte anns an do chuir mi seachad latha, ged tha mì ’n diugh gu m’ chluasan ann an deatach ’sa smùraich. Bha gach balg ’s clebha ’s innean ’s òrd cho fuar ris an reothadh fhéin. Thug mi taing do’n Fhreasdal ’nuair a ghairm iad mi dhachaigh. Cha’n eil dùil againn ri dad do dh’ obair an drasta beag, us tha mi smaointeachadh gu’m bi ùine gu leòr agam air “Na Baird Ghaidhealach” a leughadh ma chuireas sibh ugam e airson na sgillein ’ar fhichead a tha mi ’cur ugaibh leis a’ litir so. Slan leibh, ’s mise ’ur caraide dileas gach latha ’s oidhche, Ian. 20. 1897. GILL’ A GHOBHA. Oran na Spainntich. Anns a MHAC TALLA mu dheireadh chuir fear-eiginn ceisd co rinn Oran na Spainntich. B’ e Forsair Choir’ an t-Sith a rinn an t-oran sin a cheart cho cinnteach ’s a rinn Donnachadh Bàn “Molladh Beinn-Dorain,” agus b’e ainm an Fhorsair sin Gilleasbig Domhnullach (Gilleasbig mac Iain Bhàin). Bha gunna aige ’n toiseach ris an canadh e Nighean Ruairi, us b’i do ’n rinn e:— ’Sann air cùl Coir’-a-chreachain Dhiùlt Nighean Ruairi dhomh lasadh Ri udliche cabrach nan cròc. Fhuair e rithist an gunna ris an canadh e Spainnteach, ’s b’ ann rithe thuirt e:— Ged bu taitneach bha Nighean Ruairi ’S teann mu ’s i na fhuair mi ’s tàire. Anns a chumha rinn a bhean dha thuirt i— Bho ’n a dh’fhalbh uam Gilleasbig An t-òg gasda dh’fhas caoin. Sin agaibh mar a fhreagras mise a cheisd, “Co rinn Oran na Spainntich?” ALASDAIR AN RIDGE. STOR UR TAILLEARACHD. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 229] [Vol. 5. No. 30. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha crith-thalmhainn mhor air eilean Kishma anns a Phersian Gulf o chionn ghoirin. Fhuaireadh ceithir cheud deug corp anns na làraichean an deigh dhi bhi seachad. Chaidh an soitheach smùide Magnolia, a bha o chionn treis a bhliadhnaichean air acair ann am Muggah’s Creek, ’na teine ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Cha ’n eil fhios ciamar a thoisich an teine. Thatar a’ cruinneachadh airgeid ann am Montreal ’s am bailtem éile air feadh Chanada air son cuideachadh a dheanamh leis an t-sluagh bhochd anns na h-Innsean. Chuir Banca Mhontreal coig mile dolair air leth air an son. Chaidh piuthar agus brathair do na Stàitean á Eilean a Phrionnsa o chionn ghoirid, agus thomhaiseadh iad le cheile coig ceud punnd. Bha esan da cheud ’s ceithir fichead ’us deich puinnd a chudthrom, agus ise da cheud ’sa deich. Chaidh stòr le Domhnull Anderson, Harbour an Bouche, an siorrachd Antigonish, na teine a sheachdain gus a bhòn-dé. A bharrachd air fiach na stòr fhéin chailleadh fiach cheithir-mile dolair de bhathar. Cha robh airgead-urrais air idir. Tha an t-side a’ cumail fuar gu leòr, ach cha ruigear a leas dùil a bhi ris a chòrr mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna. Mur tig fuachd ’s an fhaoileach, ’s gann a thig e idir. Tha caitein math sneachda air an talamh, agus tha na ròidean gle mhath. Thainig an cas aig Iain Sullivan air son mort Mrs. Dutcher, gu crich toiseach na seachdain so, agus fhuaireadh ciontach e. ’Se sin a bharail a bharail a bh’ aig na h-uile o chionn treis a dh’ ùine, agus dhearbh na fianuisean gu soilleir gur h-e rinn an gniomh. Tha e ri bhi air a chrochadh air an darra latha deug dhe’n Mhàrt. Tha duine ann an Texas d’ an ainm Rowe an deigh aideachadh gu bheil e pòsda ri coig mnathan deuga. ’S e ’s docha nach meal e an comunn, oir cha ’n eil an lagh a’ ceadachadh do dhuine bhi aige ach aon bhean, agus ma phòsas e barrachd us sin gabhair cùram dheth ’sa phriosan no ’san tigh-obrach. ’S iomadh duine bochd aig a bheil ri dhol troimh ’n t-saoghal gun bhean idir. Tha trioblaid ann am mèinnean Springhill a rithist, rud nach ainneamh leotha. Tha na daoine air seasamh a mach, agus tha fairthleachadh orra tigh’nn gu còrdadh ri maighstirean na mèinne. Tha trioblaidean dhe’n t-seòrsa so ann an Springhill cho tric ’s gu bheil daoine dhe’n bharail gu bheil rud-eigin gle chearr. A reir coltais tha ’n luchd-obrach ’s a mheinn ’nan daoine cho reusanta ’sa gheibhear an àite sam bith, agus feumaidh nach eil luchd-seilbh na mèinne a déiligeadh riutha cho math’s bu chòir dhaibh, neo cha bhiodh an aimhreit ann cho tric. Thachair droch sgiorradh faisg air Dorchester, N, B., Di-máirt s’a chaidh. Chaidh an carbad bhar an rathad, agus caaidh e thairis. Bha lùb anns an rathad aig an àite sin, agus bha e ’dol thairis air banca corr us leth-cheud troigh a dh’ àirde. Bhrist fear de na rails fodha, agus chaidh an train leis a bhanca. Bha dithis air am marbhadh, Miss Patriquin a mhuinntir Dorchester, agus Mr. Edgecomb, a bha ’na chléireach posta air a charbad. Chaidh àireamh mhor a ghoirteachadh, ’nam measg an t-Onarach Mr. Borden, ministeir an airm, ach bidh a’ chuid a’s motha dhiubh slàn gu lèor ann an ùine ghoirid. Bha uisge aig bonn a bhanca, ach gu fortanach chum an deigh gun bhristeadh. Na ’n robh i air bristeadh, bhiodh an call uamhasach. ’S e so sgiorradh cho dona ’sa thachair air an rathad ud (I. C. R.)o chionn iomadh bliadhna. Chaidh soitheach-seòlaidh a Liverpool, N. S., a bhristeadh faisg air Fourchu air an 12 latha dhe ’n mhios so. Bha i air a turus gu St. Pierre le luchd fiodha. Bha an sgioba air an sàbhaladh. Bha latha no dha gu math fuar againn air an t-seachdain s’a chaidh. Oidhche Di-màirt, bha e cho fuar ri 13° fo zero anns a bhaile so, agus tha sin fuar gu leòr. Ach ann an cearnan de Chuibeic bha e cho fuar ri 38° fo zero aig an àm sin. Cha’ n eil reusan gearain againn anns an dùthaich so idir. Chaidh triuir dhaoine a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Ottawa an la roimhe, agus chaidh fear eile leònadh. Chaidh an carbad bhar an rathaid. Bha aon fhear dhiubh d’ am b’ ainm Seumas Casselman, agus b’e an ceathramh bràthair a chaidh a mharbhadh le sgiorradh dhe ’n t-seòrs’ ud ré nan ochd bliadhna chaidh seachad. Thainig soitheach-smùide a stigh do St. John’s Di-ciaduin, agus àireamh dhaoine aic’ air bord a dh’ fhàg an dachaidhean an Cuibeic air an t-samhradh s’a chaidh, ’sa chaidh a shireadh am fortain do Bhrasil. Fhuair iad a mach nach eil am fortan moran na’s soirbhe dheanamh ’san dùthaich sin na tha e ’san dùthaich so fhein, agus b’ fheudar dhaibh tilleadh. Bha boirionnach us dithis chloinne air bòrd tinn leis a ghriùraich. Tha fear-teagaisg eile ri bhi anns an Ard-sgoil an ùine ghoirid. Tha Bòrd na Sgoile air fhaotainn a mach nach gabh an obair cumail air adhart mar bu chòir gun fear-teagasg eile. Tha an duin’ ùr ri tòiseachadh air ’obair air an ochdamh latha dhe’n ath mhios, agus an deigh sin, bidh an obair a tha an drasda ’ga deanamh le dithis, air a roinn air triùir. Cha ’n eil teagamh nach dean sin Ard-sgoil Shidni a thoirt gu bhi na’s soirbheachaile na bha i riamh. Di-mairt s’a tighinn bithear a’ taghadh mayor agus luchd-comhairle. Dh’ ainmich sinn roimhe so co bha ’g iarraidh a stigh, ach uaithe sin leig Seumas Gordon dheth, agus tha Murchadh Moireastan a ruith ’na àite. O chionn beagan us mios ’s e corra dhuine theireadh nach robh e coma co bhiodh stigh no muigh, ach an diugh bha iad air atharrachadh sin. Tha gach fear cho deonach air a dhuine fhein a chur a stigh ’s ged a b’ ann do ard-pharlamaid Chanada a bhiodh e ’dol. Chaidh fear Dàidh Caimbeul a ghlacadh ann am Parrsboro o chionn ghoirid air son a bhi ’goid bathair á stòraichean anns a bhaile sin. Chaidh a thoirt gu cùirt, agus fhuair e seachd bliadhna dhe ’n tigh-obrach. Chaidh triùir dhaoine a chur dh’ an tigh-obrach á Charlottetown, air son a ghniomh cheudna, Francis Elesworth, Newman Hall, ’s Iain Mac Calum. Fhuair iad coig bliadhna ’m fear, agus fhuair dithis eile, Bernard Murphy, agus Uilleam Dole, ceithir bliadhna. Tha sgeul air innse le fear de na paipearan gu ’n d’fhuair iasgair ann an L’Ardoise deud meallta ann am broinn truisg air an d’ rug e o chionn ghoirid, agus ged a bha choltas air a bhi ann an sin o chionn àireamh mhiosan gu robh na fiaclan cho slan ’s cho math ’sa bha iad riamh. Thatar ag radh gu’n do chaill duine mhuinntir Shidni Tuath deud mar sin ’se dol air turus gu Ingonish a’s t-samhradh s’a chaidh. Bhiodh e iomchuidh a nise fhaotainn a mach an e sin an deud a fhuaireadh am broinn an truisg. Thainig fathunn mu’n cuairt o chionn ghoirid gu robh dùil aig an Riaghladh Bhreatunnach dainghneachdan laidir a chur suas ann an Louisburg air an t-samhradh s’a tighinn, agus tha e gle choltach gu bheil am fathunn sin fior. Ma tha, bidh moran obrach ’sa bhaile, agus ni sin timeannan matha dhaibhean a tha fuireach ann. Tha Louisburg ainmeil ann an eachdraidh, agus bidh muinntir an eilean so toilichte fhaicinn aon uair eile ’na bhaile làidir dainghnichte mar a bha e o shean ri linn nam Frangach. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 230] [Vol. 5. No. 30. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 227.) shoirbhich leam air mo thurus ni b’ fhearr na iad fhein. Mu dheireadh thainig an droch nadar gu leithid a dh’ airde ’s gu ’n do shuidhich iad gu ’n cuireadh iad gu bas mi. Oidhche de na h-oidhcheachan, an uair a bha mi fhein ’s mo bhean ’n ar cadal, thilg iad a mach air a’ mhuir sinn. B’ e aon de na mnathan-sithe a bh’ anns a’ mhnaoi agam, agus air an aobhar sin cha b’ urrainnear a bathadh. Ach air mo shonsa dheth, bha mi air a bhith dhith mur b’ e gu ’n do shabhail ise mi. Cha do tharr mi ach gann tuiteam anns an uisge an uair a thog i leatha agus chuir i air tir ann an eilean mi. An uair a thainig an latha, thuirt i rium, “Tha thu nis a’ faicinn nach do chaill thu air a’ chaoimhneas a nochd thu dhomhsa. Is bean-shithe mise, agus an uair a chunnaic mi thu ’n ad’ sheasamh air bruaich a’ chladaich, mhiannaich mi gu laidir falbh maille riut. Bha toil agam deuchainn a chur ort feuch am faighinn am mach an robh mathas agus caoimhneas annad, agus thug sin orm mi fhein a nochdadh dhut ann an eideadh shuarach. Bha thu gle chaoimhneil riumsa, agus tha mi toilichte gu ’n d’ fhuair mi cothrom air do chaoimhneas a phaigheadh. Ach tha corruich mhor orm ri do bhraithrean, agus cha bhi mi riaraichte gus am faigh mi cothrom air an cur gu bas.” Dh’ eisd mi le tlachd ris na thuirt a’ bhean-shithe rium. Thug mi taing dhi cho math ’s a b’ aithne dhomh air son meud a’ chaoimhneis a nochd i dhomh. Ach thuirt mi rithe, “A bhean mhath, tha mi ’guidhe ort mathanas a thoirt do m’ bhraithrean. Ged a rinn iad olc mor ormsa, cha bu toil leam an cur gu bas.” Dh’ innis mi dhi mu gach caoimhneas a nochd mi dhaibh; ach is ann a mheudaich so a corruich ’n an aghaidh. Ghlaodh i am mach ag radh, “Feumaidh mi torachd a dheanamh air na mealtairean neo-thaingeil, agus dioghaltas a dheanamh orra gun dail. Cuiridh mi iad fhein ’s an long do ghrunnd a’ chuain.” “Mo dheadh bhean,” arsa mise, “cha dean thu sin idir. Air sgath ni math, cuir casg air do chorruich. Cuimhnich gur braithrean dhomhsa iad, agus gur coir dhuinn math a dheanamh an aghaidh an uile.” Leis na briathran so chiuinich mi i; agus ann an uine ghoirid thug i as an eilean mi ’s dh’ fhag i mi air mullach mo thaigh fhein, agus ann am priobadh na suil chaidh i as an t-sealladh. An uair a thainig mi nuas bhar mullach an taighe, dh’ fhosgoil mi an dorus; thug mi na tri mile bonn airgid as an fhalach ’s an do chuir mi iad mu ’n d’ fhalbh mi. ’Na dheigh sin chaidh mi do ’n aite ’s an robh a’ bhuth agam. Dh’ fhosgail mi i; agus bha mo choimhearsnaich gle thoilichte an uair a chunnaic iad gu ’n d’ thainig mi air ais slan, fallainn. An uair a chaidh mi ’dh’ ionnsuidh an taighe, thug mi an aire do dha chu dhubh, a thainig dluth dhomh ann an doigh gle shimilidh. Chuir so ioghnadh orm; oir cha do thuig mi ciod bu chiall da. Ach ann an tiotadh, thainig a’ bhean-shithe ’n am shealladh, agus thuirt i rium, “Na cuireadh an da chu dhubh so ioghnadh ort. Is iad do dhithis bhraithrean.” Chuir so dragh mor orm, agus dh’ fheoraich mi dhith ciod an cumhachd leis an robh iad air an cur ann an riochd chon. “Is mise a rinn e,” ars’ ise; “a dh’ aon chuid, is mi a thug ordugh do m’ phiuthair a dheanamh. Chuir i an long do ’n ghrunnd aig a cheart am. Chaill thusa na bha de bhathar agad air bord, ach ni mise suas an call dhut ann an doigh eile. A thaobh do dhithis bhraithrean, tha iad gu bhith ’nan coin gu cionn choig bliadhna. Is math an airidh daoine a bha cho foilleil riutha air a leithid de pheanas.” An uair a dh’ innis i dhomh far am faighinn a mach mu ’deidhinn, chaidh i as an t-sealladh. Tha na coig bliadhna a nis aig an ceann, agus tha mise air mo thurus feuch am faigh mi fios c’aite am bheil i. Agus an uair a bha mi ’dol seachad air an aite so, chunnaic mi am marsanta, agus an seann duine aig am bheil an eilid, agus shuidh mi comhladh riutha. So agad m’ eachdraidh, a Phrionnsa nam fathach. Nach ’eil i anabarrach iongantach?” “Tha mi ag aideachadh gu bheil,” ars’ am fathach, “agus air an aobhar sin, bheir mi mathanas do ’n mharsanta anns an dara trian de ’n chionta a rinn e orm.” Cha bu luaithe a chuìr an dara seann duine crioch air a naigheachd na thoisich an treas seann duine ri innseadh eachdraidh a bheatha fhein. Dh’ iarr e de dh’ fhabhar air an fhathach, gu’m mathadh e an treas trian de ’n chionta do ’n mharsanta, nam biodh a naigheachd na b’ iongantaiche na ’n da naigheachd eile a chuala e. Gheall am fathach gu ’n deanadh e so. A nis cha ’n ’eil eachdraidh an treas seann duine air chuimhne idir. Ach tha e air aithris gu ’n do chord i anabarrach math ris an fhathach, agus nach bu luaithe a chuala e i na dh’ aidich e gu ’m b’ i moran a b’ iongantaiche na ’n da naigheachd eile. Thuirt e ris an treas seann duine, “Tha mi ’mathadh an treas trian do ’n mharsanta de ’n chionta a rinn e, air son an naigheachd a dh’ innis thusa dhomh. Tha e fad’ an comain gach aon dhibh air son a shaoradh as a’ chunnart anns an robh e; oir mur b’ e sibhse, cha robh e beo an drasta.” Agus an uair a thuirt e so chaidh e as an t-sealladh. Thug am marsanta mile taing do na seann daoine. Thill e dhachaidh a dh’ ionnsuidh a mhna ’s a theaghlaich, agus chaith e a’ chuid a bha roimhe de ’bheatha ann an sith ’s an samhchair. Tha lighich ainmeil ann an Lunnain ag radh ma ruigeas duine deich bliadhna fichead gun droch euslaint sam bith a ghabhail, gu ruig e tri fiichead us tri bliadhn’ deug. Sean-Fhocail. CUM AN FHEILL AIR AN LATHA. Tha chuid is lionmhoire de Shean-fhocail gach tir a cur an ceill firinn, no co-dhiu taobh de fhirinn, air an do chnuasaich daoine glice air thoiseach oirnn, agus ris a’ bheil sinne cleachdta r’ar n-aonta chur gu toileach. Anns a cheum so tha na Sean-fhocail Ghaidhealach cosmhuil ri Sean-fhocail dhuthchanna eile; agus gu ruig so, thug sinn ar n-eisempleirean gu h-iomlan o’n bhuidheann so. Ach tha buidheann eìle de’r Sean-fhocail a tha toirt f’ar comhair, cha ’n e, beachd no firinn a tha sinn ri chreidsinn; ach àithne, comhairle, no earail a tha sinn ri choimhead. ’N ar Sean-fhocail Ghaidhealach gheibhear a’ bhuidheann so na’s lionmhoire, a reir aireimh nan Sean-fhacal thar cheann, na gheibheor iad anns a chuid is mo de Shean-fhocail dhùthchanna eile. B’ iad na Druidhean, mar tha fios aig gach neach, priomh luchd-teagaisg ar Sluaigh; agus dearbhaidh moran de’r Sean-fhocail gus an la ’n diugh gur ann an uair a bha na Druidhean cumhachdach ’s an Tir a chuireadh iadsan ri cheile. Tha fios againn a ris nach fuilingeadh na Druidhean leabhraichean no sgriobhadh ’nam measg, air eagal, na’m b’ fhior iad fein, gu’m biodh cuimhne no meòdhair nam foghlumaichean òga air a lagachadh. Bha e feumail mar so gu’m biodh teagasg nan Druidhean air a thoirt seachad air doigh cho tarbhach ’s a bhiodh comasach, a los gun togadh ’s gun giùlaineadh a’ mheodhair moran foghluim ann am beagan bhriathran. Dh’ iunnsaich sinn leasan nan Druidhean, no co-dhiu cuid dheth, ro mhaith. Cha robh baigh ar Sluaigh ri leabhraichean no ri sgriobhadh riamh ro mhor. Theirear gun teagamh nach robh cothrom aca; ach nach beag so de’n fhior aobhar? C’arson nach d’ rinn iad an cothrom; agus c’arson nach eil iad g’a dheanamh mar nach eil iad? Ann an tomhas tha sinn ’s a’ Ghaidhealtachd car fortanach seach mar tha na Goill—air an adhlacadh le leabhraichean, agus fiughair gu’n leughar iad. ’Nam biodh Solamh beò ’n ar latha-ne, ciod idir a theireadh e mu leabhraichean agus mu leughadh? Is gann a gheibheadh e àite no cànain a fhreagradh air ach a Ghaidhealtachd agus a’ Ghaidhlig. Ach ged, ma dh’ fhaodte, tha cuid de leabhraichean air Galldachd ro phailt agus air an cur gu droch bhuil, cha’n ’eil teagamh nach ’eil leabhraichean anns a Ghaidhealtachd ro ghann, agus nach ’eil roinn de’n bheagan tha innte gun bhi air an cur gu buil idir, maith no olc. Anns an rathad so mar ann an an iomadh rathad eile lean sinn a’ chleachduin, ged thainig caochlaidhean air an t-saoghal mu’n cuairt dhuinn a dh’ fhàg a’ chleachduin neo-fhreagarrach air ar son. Gheibhear sinn gu tric a’ caoidh nan linntean a dh’ aom, agus tha mi smuaineachadh ged rachadh ar n-aiseag, a thiotadh, gu linn nan Druidhean nach cailleamaid a bheag Gheibhteadh uapa-san moran tuigse agus [TD 231] [Vol. 5. No. 30. p. 7] beagan cainnt; tha cuid a smuaineachadh gu’n do chuir an Saoghal car tuathal dheth o’n àm sin. ’S e mo bheachd gur e cion leabhraichean—cia b’e air bith an t-aobhar air son na goinne so; cho suarach agus a bha sinn mu’n bheagan leabhraichean a bh’ againn; agus ann an tomhas gnè nan leabhraichean sin fein a bu choireach gur ann ’nar Sean-fhocail, agus nach ann ’nar Bardachd, ’nar Sgeulachdan, no ’nar Sgoilean, a gheibh sinn na riaghailtean a tha freagarrach airson ar beachdan a shocrachadh ’s air giùlan a stiùireadh ’nar cuairt roimh ’n t-Saoghal. Tha iomadh leasan feumail agus cudthromach air an teagasg ’nar Bardachd agus ’nar Sgeulachdan, na’n iunnsaicheamaid iad; ach ’na dheigh so uile tha mi meas, a mach bho’r Biobull agus bho’r Sean-fhocail, gu bheil ar litreachas ann an Gaidhealtachd na h-Alba easbh’each anns an t-solus a tha i tilgeadh air beatha an duine, agus air an diomhaireachd a tha cuartachadh na beatha sin. Ach ’n ar Sean-fhocail gheibh sinn oidhearpan lionmhor air beachdan a chur an cainnt; a chum ar n-eòlas a mheudachadh agus ar creideimh a dhaighneachadh; agus a thuilleadh air so, moran dhleasdanais dhuinn fein agus d’ar co-chreutairean air an sparradh oirnn le comhairle agus le earail, a chum ar gluasad a leasachadh, agus cho fad ’s a tha sin comasach do’n duine, a dheanamh foirfe. Is e mo rùn aon no dha de na h-earailean so a shoilearachadh. Tha teagasg an t-Sean-fhocail a ghabh mi mar steigh air a thoirt seachad ann an atharrachadh cainnt le Solamh, agus aobhar ’n a chois. “Ge b’e ni a gheibh do lamh ri dheanamh, dean e le d’ dhichioll; oir cha ’n eil obair no innleachd, no eòlas anns an uaigh, d’ am bheil thu a’ dol.” Cha ’n ann idir a’ cur an suaraicheas aobhar an t-Searmonaiche ghlic a tha mi an uair a tha mi ’ga thoirt thairis do Shearmonaichean comasach ar latha fein. Eadhon as eugmhais aobhar Sholaimh, tha mi meas gu’n aontaich gach neach gu bheil an teagasg cudthromach agus airidh air gach uile umhlachd. A reir mo bheachd tha ’n dleasdanas a tha ’n Sean-fhocal a’ sparradh oirnn dà fhilte. “Cum an fheill air an latha,”—is e sin ri radh, “Ge b’e ni a gheibh do lamh ri dheanamh, co dhiu is ann dhuit fein no do neach eile, dean e le d’ dhichioll, agus dean e ’na àm; na fàg obair an la diugh a feitheamh air an là màireach.” Cha ’n fheudar aicheadh nach abrar gu tric gur iomadh Sluagh is fearr a bheir umhlachd do’n àithne so na Gaidheil na h-Alba. Cha chuirear, le firinn, leisg, an corp no ’n inntinn, á leth ar Sluaigh. Ann an coimeas ri Cinnich eile, tha ’n Gaidheal, ’na chorp ’s na inntinn, beò,eutrom, e sguidh, fuasgailte. Ach cha ’n e leisg uile gu leir a tha ’n Sean fhocal a diteadh, ni mo is e beothalachd a tha e ’g àithne. Their aon de’r Sean-fhocail fein, “Is easguidh an droch ghille air cuairt,”—a ciallachadh gu’m faighear an deagh ghille an còmhnuidh deas gu ghnothuch. Is e dichioll, buanachas, seasmhachd a tha ’n Sean-fhocal a’ moladh dhuinn. Feudaidh sinn a bhi easbhuidheach anns na feartan so, ged nach cuirear le ceartas leisg as ar leth. Fhuair ar Sluagh gun teagamh an t-ainm a bhi mùiteach, neo-sheasmhach a chionn iomadh bliadhna. ’S e so cliù a tha ’n Seanachaidh Romanach a’ toirt do shaighdearan Hanibal. Agus ged nach faighear saighdearan no seòladairean is calma ’s is seasmhaiche na Gaidheil na h-Alba an uair a tha iad air an iunnsachadh, agus ged nach faighear am measg Sluagh eile eisempleirean na ’s trice ’s na’s urramaiche na gheibhear ’nar measg fein air sior-bhuanachadh an aghaidh iomadh bacadh ’us grabadh; gidheadh ’s e cliu ar Sluaigh an diugh an cliù a fhuair iad o’n Romanach da mhile bliadhna roimhe so—gu bheil iad làidir, lùghmhor, ach caochlaideach, deas gu ni a ghabhail os laimh agus fhàgail gun chriochnachadh, easguidh ach neo-chinnteach. Bha duine air an leth dhaoraich a coiseachd faisg air cladh ann an àit àraidh, agus a choltas air a bhi ’feitheimh ri cuid-eigin. Anns àn t-suidheachadh anns an robh e, cha robh e comasach dha seasamh direach, agus bha e daonnan a tulgadh a null agus a nall. An deigh dha bhi treis mar sin thuirt e ris fhein, “Nach eil so iongantach! O chionn tacan beag bha ’n cladh air mo laimh dheisach a nise tha e air mo laimh chli! Feumaidh gu’n d’thug e car mu’n cuairt! ’S fhada o’n chuala mi bhi ’g innse gu robh an saoghal a’ dol mu’n cuairt, agus a nis tha sin air a dhearbhadh mu choinneamh no dha shùil fhéin! CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. “Eagle Parlor” Matches Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe. Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, MONTREAL, TORONTO. [TD 232] [Vol. 5. No. 30. p. 8] An Gobhainn. Is glé ainmeil an dàn ud mu ’n “Ghobhainn” a rinn Henry Wadsworth Longfellow am Bàrd Americach, anns a ’chanain Shasunnaich. Cha mhòr a tha neach ann a fhuair beagan sgoil do nach aithne e. Is e dàn air leth taitneach a th’ ann. Ach a réir mo bheachd tha ’n t-eadar theangachadh a rinn Iain Whyte air, na ’s cumhachdaiche na facail a’ bhaird féin. Tha facail na Gàidhlig na ’s gairbhe no na ’s mine na facail na Beurla Shasunnaich a réir mar a shònruichear iad agus is glé choltach gur e so is aobhar do ’n dàn ’bhi taitinn rium na ’s fearr anns a’ Ghaidhlig no anns a’ chànain anns an do dhealbhadh air tùs e. Ach chi an leughadair an déigh dha a leughadh cia mar a thaitneas e ris féin. AN GOBHAINN. Tha ’cheardach bheag fo sgàil na craoibh Tha ’cinntinn dlùth do ’n stuaidh; Tha ’n gobhainn dreachmhor, làidir treun, Le neul na slaint’ ’na ghruaidh; ’S a’ ghàirdean calma, feitheach mòr Mar ghàd de ’n iarann chruaidh. Tha ’fhalt dubh, fada, brisgeach, garbh; Tha aodann donn mar bhéin; Tha ’bhathais fliuch le fallus trom, ’S e ’n geall air ’obair féin, Gu ’n sgàth fo shùil an t-saoghail air fad ’S gu ’n e ’n eismeil neach fo ’n ghréin. O mhoch gu oidhch’, a ghnàths gun tàmh, Cluinnidh tu ’bhuilg ri srann; ’Us slachdraich ghramail an ùird mhòir Gu riaghailteach, socair, teann, Mar bhuille cluig ’sa chlachan chiùin Aig ciaradh feasgair fann. Aig dorus na ceardaich, clann na sgoil, Ged ’s aotrom, ait an ceum, Seasaidh, le fiamh roimh ’n teine mhòr ’S na builg is toirmeach geum, ’S a’ coimhead nan sradan tha mar mholl Air ùrlar bualaidh ’leum. Di-domhnaich, an tigh-aoraidh Dhé, ’S a mhic ri ’thaobh le bàigh Suidhidh e ’g éisdeachd Sgeul na sìth, ’Us cluinnidh e ’nighean ghràidh A’ seinn gu binn ’sa choisir-chiùil Us lìonaidh a’ chridh’ làn àigh. Tha ’guth, ar leis, mar ghuth a mathar. Am Pàras Dé a’ luaidh! Eiridh i suas ’na bheachd a rìs Ged tha i sint’ ’san uaigh, ’S le laimh chruaidh siabaidh e air falbh Na deuran bhàrr a ghruaidh. Gu saoithreach, aoibhneach, doilgheasach, Tha ’bheatha ’ruith gun tàmh; Ni ùr ’ga thòiseachadh gach moch, ’S e deas aig crìch an là; Rudeiginn feuchte, rudeiginn réidh, ’S a dhuais—trom chadal tlàth. Air son an teagaisg ’fhuair sinn uait, Taing dhuit a’ charaid chaoin; Mar so air teallach dhearg an t-saoghail Oibrichear crannchur dhaoin; ’S air innean cruaidh na beatha fòs Dealbhar gach gniomh ’us smaoin. Oran. LE PADRUIG CAIMBEUL, PARA PIOBAIRE, Do Raonull Og na Ceapich, ’nuair a bha e an cogadh America. Tha sinn gun cheannard o’n dh’ fhalbh thu bhuainn; Bho ’n thug thu ’n t-sail ort, ’s gun tharr thu ’n cuan, ’S e cumha Raill a’s galair bais dhuinn, ’S a dh’ fhag du chairdean gu brath fo ghruaim. Fhuair sinn sgeul ort an de Di-luain, A dh’ fhag fo eislein mi-fein ri ’luaths, Gun deach do reubadh fo chrios an fheile ’S a chruachan ghle-gheal ’s neo-eitidh ’s nuadh. Mo chreach ’s mo dhiubhail thu bhi cho og, ’S gun d’ rinn thu tionndadh le sannt an oir; Ach ’s beag an t-ioghnadh ’s a liuthad fin-fhear A threig a dhuthaich ’s a thionndaidh cleoc’. Mo cheist an cuirtear ’s e gnuis an aigh, Le phearsa riomhaich ’dh fhas direach, ard; Ur ghallan rioghail an toiseach inntrinn, Mar chraoibh an fhiona lan mheas gu barr. ’S beag ioghnadh buaidh a bhi ort thar chaich, ’S tu ’shliochd nan uaislean ’bu chruaidh ’san spairn: ’S a liuthad fuaran de ’n fhior fhuil uaibhrich ’Tha ’g eirigh suas ann ad ghruaidh gu h-ard. ’S tu siol nam milidh ’bu direach gnàth, ’S tu siol nan righrean an nall bho ’n Spainn: Siol Chuinn nach diobradh ’s an iarl’ a Ile Do shloinneadh cinnteach gun spid, gun tair. Thionndaidh Raonull Og na Phrostanach. Ach si’n fhirinn gun robh e coltach ri Rob Ruadh MacGrìogair,—nach robh e trom air creideamh sam bith. Moladh Moraig. LUINNEAG. ’S i luaidh mo chadail Morag, Mo ghaol ’s mo chagar Morag; Gum b’ ait leam agam Morag, ’S bu taitneach leam do chomhradh. A Mhorag ghrinn nan dluth cheum, Nan cotaichean ’s nan guintean, ’S nan ribinean bho bhùithean, Mar d’ rinn mi mearachd cunntais, Bu ro mhath ’n ceile diuc thu. Tillidh ’n t-uisg’ ri sleibhtean, ’S bidh sneachda dubh air gheugan, Mun caochail air mo speis dhuit— ’S tu m’ annsachd ’s mo dheo-greine, ’S cha diobair mi nam cheill thu. Aig pòsadh a’ Choirneil Mhic Griogair (Surgeon-Colonel) agus Miss Mabel Parish ann an eaglais Naomh Mairi Abott an Lunnainn, bha àireamh de Ghàidheil a làthair air an éideadh anns an deise Ghàidhealach—agus nam measg fear-na-bainnse fhéin. Bha an Coirneal anns an arm ’sna h-Innsean fad fhichead bliadhna, agus fhuair e cliù ann an cogadh Bhurmah (1885-’87). Tha e an deigh leabhraichean a chur a mach, tha meas anabarrach aig air a Ghàilig, agus tha e na bhall an àireamh de chomunnan Gàidhealach a bhaile. Grace Darling Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh de September, shabhail Grace Darling agus a h-athair, le ’n tréine, naodhnar dhaoine o bhi air am bàthadh. Tha ’n obair sin, sàbhaladh-beatha a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slàn an dòigh a’s fhearr air son a bhi fior shona. Tha stamagan neo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e àite ’n faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh, agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shàr-mholadh. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95 [TD 233] [Vol. 5. No. 31. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 6, 1897. No. 31. Oran do Mhac-Talla. AIR FONN:—E ho ro mo run an cailinn. ’O ’n tha ghaoth a muigh a srannraich, ’G iomain an t-sneachda thar bheannta, Suidhidh mi stigh, mar is annsa, ’S theid an rann so gu MAC-TALLA. Gu ma slàn do ’n òigeir uasal A rinn fàs ’na nadar suairce; Tha do Ghàilig glan gun truailleadh, Fallain, fuaimneach ’sa MHAC-TALLA. ’S iomadh aon nach fhaca riamh thu, Tha ri iomradh ort am bliadhna, A gabhail eòlas math is miadh ort, Tre do bhriathran ’sa MHAC-TALLA. Feoraichidh iad ainm an uaisail ’S ciod an dùthaich as ’n do bhuaineadh, ’S e bu duth’chas dha Strath-Shuardail, N’a ’m beann fuara ’s a MHAC-TALLA. Tha na Gàidheil dhuit cho dileas ’S’ tha iad lìonmhor anns an tìr so, ’S ’nuair a ni iad uile ’n dìchioll, Cha bhi dith air a MHAC-TALLA. Cha ’n eil ait air feagh an t-saoghail Anns nach eil na suinn ’ga [?] Deas us tuath thar chuan us aonach, ’S uallach, aotrom am MAC-TALLA. Fhir a thuigeas brith mo bhriathran, ’Nuair a sheinnear dhuit le rian iad, Cuir do dholar gorm ’ga iarraidh ’S gheibh thu bliadhna de ’n MHAC-TALLA. Cuir ’ga iarraidh mar is còir dhuit, ’S cuiridh na Gàidheil ort eòlas, ’Nuair a chi iad t-ainm an clò Air duilleag bhoidheach a MHAC-TALLA. Na bu diù leat a bhi spiocach; Na leugh e idir an iasad; Fosgail do sporan gu fialaidh, ’S cur a dh’ iarraidh a Mhac-Talla. Fhir a fhuair e ’s nach d’ thug dioladh, Pàigh a null le sunnd am bliadhna, ’S mor an comharradh air siochair’ A bhi ’m fiachan do Mhac-Talla. Cha bu bheag leam fhin an tàmailt, Gum biodh éis do ’n phaipeir Ghàilig, ’S nach eil aon fo’n ghréin a làthair Ann ar cànain ach Mac-Talla. AN CIARAN MABACH. Posadh a’ Cheaird. LE FIONN. ’N uair a bha an Eaglais Easbuigeach air a cuir sìos ann an Albainn, cha robh comas pòsaidh no baistidh aig na ministeirean a bhuineadh dhi, gun chunnart a bhi air an tilgeil ann am priosan, agus ùladh trom a leagail orra. Bha duine tuigseach fiachail, deas-chainnteach de ’n t-seòrsa so a’ gabhail an rathaid ’sa Ghàidhealtachd, agus choinnich e buidhionn cheàrd air an rathad mhor. Dh’ aithnich iad gu math co e. Chuir iad stad air. Dh’ innis iad dha gu ’n robh càraid òg ’sa chuideachd aig an robh toil pòsadh, ’s gu ’n robh iad air tòir ministeir. Cha robh math dha diùltadh—chuartaich iad e, agus thuirt iad ris nach faigheadh e ceum air aghart gus an ceangladh e an t-snaim. “C’àit’ a bheil a chàraid òg?” ars esan; “Seasadh iad suas.” Le so thàinig balach òg, robach luideagach—gun bhoineid gun chaiseart—seòrsa de luideig stròichte, bha uaireigin na chota-geàrr, air a dhruim; agus luireach bhroineagach de sheana bhriogais nach ruigeadh a ghlùn. Ach na dhéigh sin uile, bha e ’na bhalach aoidheil, iasgaidh, luaineach; agus bean-na-bainnse cho coltach ris féin air gach doigh, ’sa dh’fhaodadh a bhi—caileag òg mu thuaiream ochd-bliadhn’-deug a dh’ aois—a falt fada, co dubh ri it an fhireìn, a sios m’a guaillibh, ’s air a h-uchd na dhuala trom—a sùil mar dhearcag an tuim—a h-aodann air a losgadh leis a ghréin agus làn bhreacasionain. Seòrsa de chota-bàn oirre nach robh toirt moran fasgaidh dhi o’n fhuachd no o’n ghaillinn—gun bhròg gun osan, ach dà chois foidhpe, agus aobrain cho cuimir sgiobalta ’sa lùb feòirnein. Phòs am ministeir iad ann an làthair fhianuisean—am pàrantan, am bràithrean ’s am peathraichean ’san làthair. ’N uair a bha am pòsadh seachad, thàinig an seana cheard mòr, righ na cuideachd, air aghaidh, agus thug e, ann an ainm nan ceard ’s nam bana-cheard, mile taing do’n mhinisteir. “Ach,” ars’ esan, “tha tri nithe fhathast r’a dheanamh, agus cha’n fhaodar leibh an diultadh. An toiseach thugaibh dhuinn fo ar laimh, teisteanas gu’n do phòs sibh a charaid òg, air eagal gu ’n abair iad na dheigh so nach robh iad idir air an ceangal r’a cheile le pears’-eaglais.” Cha robh e comasach do ’n mhinisteir so a thoirt dhaibh air an dòigh chumanta, agus ’ainm a chur ris; ach thug e mach paipeir agus peann, agus thug e dhaibh an teisteanas a leanas:— “Tha mise ’n so ’nam shuidhe air cloich A’ pòsadh Esan ri Ise, ’s Ise ri Esan, Cha ’n ’eil leud mo bhoise de dh’ aodach air Ise, ’S cha ’n eil falach a mhàis air Esan; Ach fòghnaidh Esan do Ise, agus Ise do Esan. Chuir e ’ainm ris an teisteannas so, agus bha ’n ceard mor toilichte. Ciod tuille tha dhith ort?” ars’ am ministeir, “nach leig thu leam triall a nis ?” “Cha leig,” ars an seana cheard, “cha bhiodh sin sealbhach, gun òl air a chàraid òig.” Cha ghabhadh an ceard diùltadh, agus b’ eiginn do ’n mhinisteir sgaile drama ’ghabhaìl, agus greim de ’n bhonnach-bainnse; agus theagamh nach robh so ’na chruadal mor air monadh Gàidhealach. “A nis,” ars’ an ceard, “mo mhile, mile taing! Seid suas do bholg ’Eachainn Ruaidh.” ’se smeideadh air giullan beag a bha dlùth dha, agus piob fo ’achluis. Sheas a’ chuideachd gu taobh. “Ciod so a nis?” ars’ am ministeir. “Cha ’n ’eil ach aon ni eile, a dhuine ghaolaich—gu’n imir sibh na ‘Tulachean’ a dhannsa le ban-righ nan ceàrd.’ “N e mise?” ars’ am ministeir. “Da riribh, sibh fein a dh’ imreas sin a dheanamh,” ars’ an ceàrd. “Fosglaidh mi féin an dannsa le bean-na bainnse—bean mo dheagh mhic; agus so agaibh màthair fir-na-bainnse, mo bhan-righ fein, agus chunnaic mi latha nach amhairceadh pears’-eaglais fein ’sios oirre.” Rinn am ministeir ni b’ urrainn da chum dol as o’n dannsadh, ach cha robh math dha bhi bruidhinn. Thòisich an ceòl, dh’ eirich an ceard mor agus bean-na-bainnse, agus thainig an t-seana bhana-cheard, agus thog i am ministeir, le ’chasaig dhuibh. Cha do chum iad fad’ e a’ dannsadh, ach coma co dhiu, chuir an t-seana bhana-cheard mu’n cuairt ’s mu ’n cuairt e, gus an robh tuainealaich ’na cheann, agus ’anail na uchd. Fhuair e as mu dheireadh agus fhad’ ’s bu bheò e, cha robh uair a thainig na ceàird an rathad, nach do thaghail iad, agus nach d’ fhàg iad leth-dusan do na spàinean a b’fhearr a b’urrainn iad a dheanamh, aig a mhinisteir chòir. Is iomadh latha a dh’ innis e fein an sgeul, a’ call a lughais le gàiricich.—Highland News. MIONNAN SINEACH.—Chaidh Sineach a chur air a mhionnan ann an cùirt am baile Lunnainn, agus ’se ’n dòigh a ghabh e, fhuair e coinneal laiste, agus le oiteag de ’anail chuir e as i. Bha sin a’ ciallachadh gu robh e deònach, mur innseadh e an fhirinn ghlan, gu’m biodh anam air a chur as mar a chuir e-fhein as a’ choinneal. Tha còrr us mile soitheach, de gach seòrsa agus meud, a’ dol troimh ’n Chaol Shasunnach, (English Channel), a h-uile latha dhe ’n bhliadhna, agus ’s gann a tha mionaid dhe’n latha nach eil mu dha cheud aig Ceann-Tire (Land’s End), a dol a stigh no tigh’nn a mach as a Chaol. [TD 234] [Vol. 5. No. 31. p. 2] Sean-fhocail. CUM AN FHEILL AIR AN LATHA. (Air a leantuinn.) Ann an Gaidhealtachd na h-Alba, creididh mi gu’m fàsamaid neo-shuidhichte ’n ar doighean ged nach biodh a’ bhuaidh dual dhuinn mar Shluagh. Chuidicheadh gnè na Tìre, agus gu h-araid ar n-Eachdraidh, inntinn luasganach a ghintinn, no co-dhiu a neartachadh, annainn. Ré moran uine bha caithe-beatha an t-Sluaigh agus am beatha fein cho neo-chinnteach ’s gu’m biodh e eucomasach gu’m faigheadh riantan steigheil aite ’n am measg. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil agus nach bi sinne iomadh latha fathasd ag itheadh de shearbhadas nan linntean buaireasach a chaidh, taing do’n Fhreasdal, thairis. Agus ged tha sinn a nis o chionn iomadh bliadhna a’ mealtainn sith, agus nam miltean beannachd a thig an lorg na sochair ro-luachmhoir sin, tha agus bithidh iomadh ni ’n ar crannchur anns a’ Ghaidhealtachd a dh’ fhagas e fior dhuilich dhuinn leasan an t-Sean-fhocail iunnsachadh, agus an comhnuidh a chuimhneachadh. “Cum an fheill air an latha;”—is furasda radh, agus ann an iomadh aite cha ’n ’eil e ro dhoirbh a dheanamh. Ach ann an Tìr neo-thorach, le siantan caochlaideach, le monaidhean sgith, le aisig chunnartach, leis gach goireas a dhith ort, is beag nach fanoid an earail. An ann á fearann a tha d’ earbsa? Mo chreach! is beag do choir air. Agus ged shaoithrich thu cho goirt ’us ged a bhiodh cinnt agad nach rachadh do mhàl ardachadh no do thigh a chur ma sgaoil aig ceann na bliadhna, nach tric a ni latha fliuch ’s an fhoghar obair na bliadhna chur a dholuidh. A’ bheil beo-shlainte do theaghlaich an crochadh ris a’ mhuir? Cha ’n ’eil sgoil fo’n ghrein cho eifeachdach, ann an rathad, a dh’ iunnsachadh foighidinn, dichill, saothair bhunailteach cho math ri bàta iasgair. Faic e le ramh no le seol a’ toirt a mach calaidh, no a’ cur fodha rudha; a nis a’ buidhinn ’s a rìs a’ call; a bheatha an crochadh r’a neart ’s r’a sheoltachd; agus gheich thu leasan air stri bhuan agus dhian nach faigh thu ach ainmig. Ach an uair a tha ’n rudha seachad, ’s an caladh fo shroin, theid an leasan a dhi-chuimhneachadh gus an toir fein-fhiosrachadh cruaidh a chrannchuir fa chomhair an iasgair ’s an ath ghàbhadh e. ’S e neo-sheasmhachd na gaoith, an t-sruth, ’s na fairge, agus neo chinnteachd a’ bheatha fein an co-cheangal riu a ghleidheas aite an inntinn an iasgair, agus a ni “Cum an fheill air an latha” ’n a eubh fhaoin ’n a chluais-san. Tha e na’s feumaile air doigh no dha dhuinne a bhi gleidheadh teagasg an t-Sean-fhocail air chuimhne na tha e do mhoran. Chaidh, ma dh’ fhaodte, a chur mar coinneamh air aon doigh no doigh eile gle thrath. So a’ chumadh air an d’ fhuair mi fein e: Procrastination is the thief of time. Air a’ chumadh so, leugh ’us sgriobh ’us litrich ’us bhr[?] ficheadan uair. Co-dhiu a lughdaich an t-saothair mairneal no mheudaich i dichioll ann am chrè, cha ’n fhios domh; ach bhiodh e ’n a pheacadh an aghaidh gach riaghailt theagaisg an leasan a thoirt domh air dhoigh ’s gun tuiginn e. ’N ar Sean-fhocail Ghaidhealach gheibhear an teagasg ceudna gu minic agus ann an caochladh cainnt ’us samhladh. Tha so ’n a dhearbhadh soilleir gu’n robh meas cubhaidh aig ar n-Aithrichean air an fhirinn, co-dhiu bha no nach robh iad an comhnuidh dileas d’i. Ach bhiodh e mealltach a bhi saoilsinn gu ’n robh na seann daoine, eadhon ’n an teagasg, a ghnath iomlan. Bha iad a’ cur luach ard agus cubhaidh air sonas, ach cha ’n ’eil mi cho earbsach gu ’n d’ amais iad daonnan air mathair-aobhair an t-sonais d’ an robh an tlachd cho mor. Theireadh iad: “Is fearr a bhi sona na bhi saoithreachail;” “Is fearr a bhi sona na bhi crionna;”—ach saoilidh mi gu ’n do dhi-chuimhnich iad nach faighear, ’s an t-saoghal so co dhiu, an sonas is airde a bheir e seachad sgarte’ bho shaothair; agus nach mair sonas ard no iosal ro fhada sgarte’ bho chrionntachd. Cha ’n ’eil teagamh nach robh meas mor aca air fois ’s air socair, agus nach d’ thug iad seachad teagasg mearachdach an co-cheangal ris na staidean so a tha ’n an aite fein ionmholta. Cia b’e air bith an rùn leis an do chuireadh ri cheile iad, cha ’n ’eil teagasg nan Sean-fhocal a leanas air aon chor fallain: “Cha d’ ith na coin an aimsir;” “Am fear a dh’ imich an cruinne, cha b’ fhios d’a co-dhiu b’fhearr luathas no moille” (saoilidh mi nach ’eil fios fathasd ciod a thug dha a thigh fhagail); “Is maith an saoghal so ma mhaireas e;” “Tha iasg ’s a mhuir cho maith ’s a thainig riamh as;” “An neach nach cinn ’n a chodal, cha chinn e ’n a fhaireach;” “Treabhaidh na daoi ’s cha dean na saoi ach treabhadh. “Cha ’n ’eil teagamh nach ann o’n bhaigh so ri fois a dh’ eirich an Sean-fhocal, “Is fearr a bhi tamh na obair an nasguidh;” oir cha robh meas air leisg,—“Am fear a bhitheas ’n a thamh, cuiridh e ’n cat ’s an teine;” “Is leisg le leisgein dol a luidhe, is seachd leisge leis eirigh.” ’S e na taillearan a thug seachad an Sean-fhocal leibideach so, agus airson teagasg cronail ’s gann a dh’ amais a leithid orm; “Greim fada, ’us grad bhi ullamh.” Tha teagasg nan Sean-fhocal so mearachdach; agus cha ’n ’eil teagamh nach robh agus nach ’eil a’ chumhachd air fhaireachduin a chum na cuid is measa ’n ar measg. Ach ged tha na Sean-fhocail a tha air an taobh chlì na ’s lionmhoire na bu mhaith leinn; cha ’n ’eil an àireamh ach gann ann an coimeas ris na gheibhear a’ moladh aghartais, dichill, ’us seasmhachd. Bha ar n-Aithrichean lan dearbhta nach faighear maith gun dragh. Tha focal an maith deas aig na h-iasgairean a tha teagasg na firinn so: “Cha ’n ’e gogadh nan ceann a ni ’n t-iomram.” So aon bho na sealgairean: “Cha d’ rinn theab riamh sealg.” Agus cha robh na buachaillean air deireadh: “Cha dean corag mhilis ìm.” Cha ’n ’eil teagamh nach e ceannaiche a dh’ eisd iomadh uair ri leth sgeul air a deagh labhairt a thuirt; “Cha diol toileach fiach.” De ’n aon teagasg tha ’n radh: “Cha d’ rinn thugam ceum ’s cha do chailleadh theab.” Agus cha b’ urrainnear rabhadh a bu chumhachdaiche na so a thoirt seachad an aghaidh leisg, mairneil, ’us cion suim: “Cha ’n fhaighear an diugh air ais an dè.” Airson ceartais ’us coir a ghleidheadh eadar duine agus duine—fiachan a dhioladh agus geallaidhean a cho-ghealladh, cha ghabhadh a bhi na b’ fhearr na na Sean-fhocail. Theirte gun teagamh: “Cha teid gad air gealladh,” agus cha ’n ’eil teagamh nach robh iomadh aon ’s a’ Ghaidhealtachd cho maith ri aitean eile a dh’ fhairich firinn an radh; ach cha ’n e so air aon chor teagasg nan Sean-fhocal. “Cha ’n ’eil fealladh ann is mo na gealladh gun a cho-ghealladh;” “Is fearr a bhi leisg gu ceannach na righinn gu paigheadh;” “Is fiach duine na gheallas e;” agus a rìs “foill,” cia b’e air bith mar thig i, air a diteadh air dhoigh ’s gun saoil thu gur e Daibhidh tha labhairt: “Cha mhair sliochd fir foille.” Co-dhiu bha no nach robh ar luchd-duthcha comharraichte air son am firinn—their ar coimhearsnaich gu tric nach robh—cha robh an teagasg ’s an rathad so an deigh-laimh. Tha ’n dearbhadh soilleir anns na briathran anns a’ bheil gloine, onoir, firinn, ’us breugan a ghnath air an ainmeachadh Firinn an smuain, an cainnt, ’s an gniomh; ’s e so gun teagamh teagasg nan Sean-fhocal, ’g a sparradh ort an comhnuidh mar do dhleasdanas agus mar do bhuannachd. Am measg nan Sean-fhocal a tha moladh aghartais us gniomhachais, chithear gu bheil meas mor air moch-eirigh. Their Lighichean gu bheil a’ chleachduin maith airson slainte a’ chuirp a chumail suas; agus their Sgoilearan gur e mhaduinn is fear na ’n oidhche airson iunnsachaidh. Cha mhor dhaoine is cuimhne leam a bhuidhinn cliu ard dhoibh fein nach do chleachd eirigh trath; agus chi sinn gu ’n robh beachd cothromach aig na seana Ghaidheil air a’ chleachduin cheudna. Thuirt aon diubh, gun teagamh, a bha ’creidsinn gu laidir ann am fortan tur sgarte bho dheanadas fein: “Is fearr an t-àdh na moch-eirigh.” Ach cha ’n e so ach teagasg aoin. Theireadh na Druidhean, “Bi gu subhach, geamnuidh, moch-thrathach, mosgaileach ’s an t-samhradh.” A rìs, theirear: “Is meamnach gach moch-thrathach;” “’S i mhoch-eirigh ’luain a ni ’n t-suain ’mhairt;” agus a rìs, mar gu’m b’e Lighiche theireadh e: “Is fearr eirigh moch na suidhe anmoch.” Tha aon ni a tha ro chomharraichte mu na Sean-fhocail Ghaidhealach a tha buntainn ris an earail a tha f’ar comhair an traths; agus ’s e sin a’ meas tha air a chur air saothair chinnteach, sheasmhach, os cionn neart an uair nach ’eil dichioll maille [TD 235] [Vol. 5. No. 31. p. 3] ris. Chunnaic sinn roimhe an luach a bha ar n-Aithrichean a’ cur air cruinnealas, ged bha iad comharraichte air son am fialaidheachd. Air a cheart doigh ’n an obair. Tha firinn ’us onoir eadar duine ’s duine air a mholadh. Tha moch-eirigh air a mholadh. Tha bhi ’n a àm an ceann do ghnothuich air a mholadh—“Am fear a ni obair ’n a àm, bithidh e ’n a leth thamh.” Tha ’m fear a thoisicheas obair air a neartachadh leis an radh—“Is trian obair toiseachadh.” Agus tha saothair chriochnaichte gun teagamh a faotainn na duais a thoill i; “Am fear a cheanglas, ’s e shiubhlas;” “Am fear is fearr a chuireas, ’s e is fearr a ghearras;” “An rud a nithear gu maith chithear a bhuil.” Ach os cionn moch-eirigh, os cionn toiseachadh, ’s os cionn criochnachadh, tha obair chinnteach, leanailteach air a moladh, mar a dhearbhas na Sean-fhocail a leanas gu soilleir: “Cha ’n e ’muileann nach bleth, ach an t-uisge nach ruith;” “Ge b’e nach beathaich a choin, cha bhi iad aige latha na seilge;” “Is ann o’n bheagan a thig am moran,” “Cha ’n ann leis a’ cheud bhuille thuiteas a’ chraobh;” “Gabhaidh connadh ùr le bhi ’g a sheideadh;” “Am fear a theid a’ ghnath mach le lìn, gheibh e eoin air uairean;” “Cha bhi dichioil air deireadh;” “Beiridh am beag tric air a mhor ainmig;” “Is fearr greim caillich na tarruing laoich.” Is teagasg fallain, ionmholta air gach doigh an teagasg so; agus cha ’n urrainn dhuinn a bhi ro thaingeil d’ ar n-Aithrichean air a shon. B’ fhearr leam gu’m faicteadh na tri Sean-fhocail mu dheireadh a dh’ ainmich mi, ann an litrichean òir, air balla gach tigh-sgoil anns a’ Ghaidhealtachd. Cha ’n ’eil mi gun amhurus nach paigheadh an leasan na ’m biodh e air a dheagh iunnsachadh, eadhon do’n Mhaighstir-sgoil latha cheasnachaidh, cho maith ri leughadh blasda nach tuig a’ chlann; agus tha mi dearbhta nach faigh a’ chlann leasan a bhitheas cho feumail dhoibh fein, d’an cloinn, ’s do chlann an cloinne bho Mhaighstir-sgoil fo’n ghrein. Is eigin aideachadh gu ’n d’ fhuair mi barrachd toilinntinn o’n teagasg so, a chionn nach robh sùil agam ris. ’S e barail mhorain nach d’ thug ar Sluagh moran geill do chomhairlean de’n t-seorsa so; agus feudaidh cuid bhi mar bha mise a’ creidsinn nach d’ thugadh na comhairlean ro thric riamh orra. Cha ’n ann mar dhuine dichiollach, aghartach, a’ cur earbsa a obair chinnteach a lamhan fein, daonnan am bun a ghnothuich a bhreithnicheas coigrich air Gaidheal an latha diugh;—cha ’n ann,—ach ri sgiathalaich air ais agus air aghaidh, an diugh ag oibreachadh na croit, a maireach ag iasgach, ’s air an ath sheachduin a’ drobhaireachd—latha no leth latha diomhanach eadar gach atharrachadh obair, ’n a sheasamh le aon no dha de chompanaich, le lamhan gu maith domhain ’n a phocaichean, ’s le cutag phiob ’n a phluic, a’ cumail suas le shlinnein oisinn taighe, ’s a tighinn air a choimhearsnaich. Co beachd a tha fior, bhiodh e duilich, ma dh’ fhaodte, cunnartach, a radh. Creididh mi gur e chuis gu bheil iad araon fior ann an tomhas; co-dhiu cha ’n ’eil an Gaidheal fathasd cho dichiollach ’s gu’m feud e leasan an t-Sean-fhocail a dhi-chuimhneachadh. Cluinnidh sinn gu tric feartan ’us cliu ar Sluaigh air an dearbhadh le eisempleirean air bunailteachd ’s air soirbheachadh o’n tigh, agus coire gach ni tha air deireadh aig an tigh ’g a chur air an àite,—air ni sam bith ach na daoine. Cha ’n ’eil mi smuaineachadh gu bheil am beachd so uile gu leir fior, agus ’s e mo bharail gun deachaidh na tha de fhirinn ann a sheirm tric gu leoir. Tha sinn ro dheas gus a’ choire a chur dhinn fein, ma ghabhas e idir deanamh. Saoilidh mi, thuilleadh air so, gu bheil sinn ’s a’ Ghaidhealtachd a’ cur barrachd de’n choire air droch cothrom na tha freagarrach. Is tric a chuala mi na ’n saoithreachadh an Gaidheal aig an tigh cho dichiollach ’s cho dian ’s a shao thricheas e o’n bhaile gu’m biodh e na b’ fhearr dheth. Ach tha e cosmhuil gu’m feum crioch na saothair a bhi ’n sealladh ar Sluaigh mu’n oibrich iad le ’n uile dhurachd. Agus cha mhiste iad Gall no Sasunnach a bhi r’ an taobh a bhitheas a’ bagairt dol rompa. Shoirbhich gu mor le’r luchd-duthcha an America, agus dh’ eirich cuid diu gu inbhe ard; ach theirear gu bheil an soirbheachadh na ’s fearr far a’ bheil Goill ’us Gaidheil measgta, na tha e far an Gaidheil iad uile gu leir. Ma tha so fior, nach ’eil pairt de’n t-seann nadur a’ leantuinnn ar Sluaigh thar a’ chuain; agus nach ’eil dearbhadh laidir againn gur sinn fein na coirich air son moran de’n mhi-shoirbheachadh air a’ bheil sinn cho tric ’n ar fianuisean aig baile. Tha e fior nach faod sinn, ’s an rioghachd so no ’n rioghachd eile, gun chunnart, earail an t-Sean fhocail a dhearmad, D. M‘K. I Chalum-Chille. Buinidh an t-eilean ainmeil so do sgireachd an Rois Mhuilich. Tha e trì mìl’ air fad, agus mìl’ air leud. Chaidh sinn gu tìr aig Camus-nam-Mairtireach, an t-àit anns am b’ àbhaist doibh cuirp nan daoine a dh’ adhlaiceadh san eilean so a chur air tìr. Beagan os ceann a’ phuirt so, tha àit air a chuairteachadh le seann bhalla cloiche, ris an abair iad Clachan-nan-Druidhneach, far am bu ghnàth do na Druidhibh a bhi air an adhlacadh ri linn dhoibh an t-eilean so bhi aca; mu’n d’ thàinig Calum-Cille, ’s a luchd-leanmhuinn aca; oir ann an seann eachdraidh Eirinn, ’s e Eilean-nan-Druidh a b’ ainm dha. Ghabh sinn air ar n-aghaidh a dh’ ionnsuidh tighe nan Cailleacha-dubha. Bha ’n eaglais aca so ochd-troidhe-deug agus da fhichead air fad, agus fichead troidh air leud. Tha leachd-lighe na mna-Aba a bha mu dheireadh san eilean so r’a faicinn a stigh air ùrlar na h-eaglais: tha ’cruth air a shnaidheadh air a lic; tha aingeal air gach taobh fo thaic a cinn: air ceann eile na lice, tha dealbh na h-Oighe Muire, le coron air a ceann, an naoidhean IOSA ’na gàirdeanaibh, a’ ghrian agus a’ ghealach os a ceann, ’ga comharrachadh a mach mar bhan-righ nèimh; agus tha ’n ùrnuigh so air a sgrìobhadh aig a cosaibh ann an Laidinn, “A Mhuire naoimh, Guidh air mo shon.” Mu’n cuairt air an lic tha air a chur sìos sa’ chainnt cheudna, “’Na luidhe an so tha Ban-tighearn Anna ni-mhic-Dhòmhnuill-’ic-Thearlaich, a b’ àrd bhan-Aba ann an I, ’s a chaochail anns a’ bhliadhna 1511: a h-anam tha sinn a’ tiomnadh do’n Ti is àirde.”—Tha leachdan nan Cailleacha-dubha eile air taobh a muigh na h-eaglais; agus astar beag uatha, ann an cùil leatha féin, tha piuthar bhochd ’na luidhe nach do sheas dileas d’a bòid. Air an t-slighe chum na h-eaglais àirde, tha crois Mhic-’Illeathain, clach eireachdail air a snaidheadh gu h ìnnleachdach. Bha e ’na chleachdadh cumanta anns na linnibh sin, croisean do ’n t-seòrsa so a thogail, ’s math a dh’ fheuidte chum an ainm agus an cuimhn’ a chumail suas; agus is dòcha mar thaisbeanadh air meud an urraim, dhàsan a cheusadh air a’ chrann. Tha e air a radh, gu’n robh trì cheud agus trì fichead dhiubh so aon uair san eilean; ach gu’n do mhilleadh a’ chuid a bu mhò dhiubh le òrdugh àrd-sheanaidh Earra-Ghàidheal, agus a’ chuid nach do mhilleadh mar so dhiubh, thugadh air falbh, agus chìthear iad gus an là ’n diugh ann an iomad àite feadh na rìoghachd. Ràinig sinn Réidhlic-Orain, cladh farsuing làn do leachdaibh-lighe, fo’m bheil righrean agus cinn-fheadhna, agus ceatharnaich a bha cumhachdach agus ainmeil ’nan latha féin, a’ cadal taobh ri taobh ann an suain a’ bhàis. Ann an so tha’n t-àite ris an abair iad Iomaire-nan-righ, far am bheil ochd agus dà fhichead do righribh na h-Alba; cearthar do righribh na h-Eirinn; ochdnar do righribh Lochluinn; agus a h-aon no dhà do righribh na Frainge. Air cuid do na leachda, tha ainm nan daoine tha fòdhpa sa’ Ghailig, mar air lic Dhòmhuill fhad-chosaich. Air cuid eile dhiubh, tha na h ainmean sa’ chainnt Eirionnaich, mar air lic Mhurchaidh-a-Ghuinn. ’S i ’n eaglais bheag a tha ’n Réidhlic-Orain a’ cheud tigh a thog Calum-Cille san eilean so. Aig ceann na h-àirde deas dhith, tha crùiste Lachuinn ’ic-Ionmhuinn, athar an Aba; agus leachd Aonghuis òig ’ic-Dhòmhuill, tighearn Ile agus Chinntìre, an triath urramach sin a chuir an cath le buaidh le Raibeart de Bruce, air blàr ainmeil Bhanocburn. Dlùth dha so tha uaigh agus leachd Ailein-nan-sop, ceatharnach do Chloinn-an-Leathain, o’n d’ thàinig teaghlach Thorloisg. Tha leac Thighearna Chola an so mar an ceudna, le ’chlogaid ’s le ’lùirich; ’s Mac-’Illeathain Dhubhairt agus Lochabuidhe, Mac-Guaire Ulbha, agus Iain Beaton, an t-Olla Muileach, le’n suaicheantas ’s an airm-chatha os (Air a leantuinn air taobh 238.) [TD 236] [Vol. 5. No. 31. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, FEBRUARAIDH 6, 1897. Tha a phlàigh ’sa ghort anns na h-Innsean a sior sgaoileadh. Bha riaghladh na dùthcha sin an dùil an toiseach gu robh iad fhéin comasach air cobhair a dheanamh air an t-sluagh bhochd, ach fhuaireadh a mach nach robh, agus a nise tha fios air a chur troimh ’n Impireachd Bhreatunnach air fad ag iarraidh cuideachaidh. Chuireadh fios gu Ard-riaghladair Chanada, agus troimhe-san gu riaghladairean nam mor-roinnean, ag guidhe air an t-sluagh an uile-dhichioll a dheanamh air son cuideachadh le ’n co-chreutairean a tha fulang. Tha sinn an dòchas gu’n dean muinntir na dùthcha so mar bu chòir dhaibh, agus gu’n cuir iad gu fialaidh cuideachadh dh’ionnsuidh nan daoine bochda do’m bheil acras agus plàigh a cur as anns an dùthaich fhad-as ud. ’Nuair a tha sinne ’mealtuinn slàinte, agus pailteis bidh againn, cha bu chòir dhuinn iadsan a tha fulang le cion an da bheannachd mhor sin a dhiochuimhneachadh. Dh’ iarramaid aire ar leughaidearan a thoirt gu toiseach na h-àireamh so, far am faigh iad òran bòidheach do’n MHAC-TALLA. Agus bu chòir dhaibhsan nach do phàigh, rabhadh a ghabhail anns na ceathrannan mu dheireadh. Tha ’n “Ciaran Mabach” a cheart cho comasach air aoireadh ’sa tha e air moladh, agus ma gheibh e mach an ceann treis a dh’ ùine gu bheil cuid nach do ghabh a dheagh chomhairle, “Paigh a null le sunnd am bliadhna,” cha rachamaid an urras nach cluinn iad uaithe ann am briathran a bhios fada o bhi min. ’S e ’n duine glic a ni dhleasnas ’na àm. Tha e air innse gu ’n do thog fear de dh’ easbuigean na h-Eaglais Shasunnaich tigh-aoraidh am measg nan Escimòthach a tuath air Hudson Bay. Cha’n eil bior fiodha ri fhaotainn anns an dùthaich sin, agus rinneadh an eaglais air aisnean mhuca-mara air an còmhdach thairis le béin Walrus. Bha an eaglais cho mor ’s gu’n toilleadh ceithir fichead duine na broinn; ach dh’ fhàs na coin acrach, agus dh’ ith iad suas i. Fhuair sinn an litir a leanas á Ceap Nòr:— Fhir-deasachaidh ghaolaich:—Faigh anns an litir so dolair air son a MHIC-TALLA. Tha mo léirsinn ’gam fhàgail gu mor, agus tha e doirbh leam a dheanamh a mach an e leughadh MHIC-TALLA (gun a phàigheadh) no ’n e ’n aois is coireach ris. Is mi do charaid dileas, IAIN RUADH. Faodaidh sinn a radh ri ar caraid nach eil teagamh sam bith againn nach e ’n aois is aobhar do e bhi ’call a léirsinn, oir cha d’ rinn e dearmad riamh air MAC-TALLA. Ach tha sinn an dòchas gu’m buin an aois fhéin gu fàbharrach ris, agus nach teid a fhradharc na’s fhaide air fhais na tha e. Gu ma fada beò e! Cha ’n eil duine ann an Africa a’s tranga na Kruger riaghladair an Transvaal. Aig leth-uair an deigh ochd, ’nuair nach bi righrean agus riaghladairean eile ach a’ fàgail an leapannan, tha “Oom Pòl,” mar a theirear ris, aig ’obair agus tha gu leòr aige ri dheanamh. Agus cha ’n eil eadhon fois na Sàbaid aige air uairean, oir latha sam bith a bhios am ministear tinn, no air falbh o’n tigh, gabhaidh Kruger dh’ an chùbaid, agus ni i searmon. Tha boirionnach, Clara Brett Mhàrtuinn, a nise na bean-lagha ann an Ontario. Fhuair i an cleòca o chionn ghoirid, agus tha i nise deiseil air son càsan a thagradh aig cùirtean—a cheud bhoirionnach a fhuair an dreuchd ann an Canada riamh. Chaidh trosg a reic ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh a bha naodh troighean us deich òirlich a dh’ fhad. Chaidh a ghlacadh ann an loch a Bhras d’Oir. A Antigonish. A MHIC-TALLA GHEADHAICH:—Ged nach eil moran ùr no annasach agam ri chur an ceill, gidheadh bu mhath leam còmhradh beag a dheanamh rìbh ged nach biodh ann ach fàilte na Bliadhn’ Uire a chur oirbh. ’Sann le mor eibhneas a chunnaic mi an cùnntas a thug sibh air an oidheirp a tha “Cabar Feidh” ’s luchd na Gàidhlig ’san t-seann dùthaich a’ deanamh airson inbhe na cainnt aosmhor àrdachadh. Tha ’leithid so na aobhar toil-inntinn do shliochd “Tir nam Beann.” Gu ma math a theid dhaibh! ’S i dùrachd mhath na bheil agam fhéin ri ’sheachnadh an dràsd. Chruinnich na gillean a’ raoir mar ’s àbhaist dhaibh gach seachduinn, agus chaitheadh an tim gu h-aighearrach. Tha “Comunn an Fhraoich” gu beò, smiorail, agus cha’n eil teagamh nach faigh iomadh neach air a thàilleabh eòlas air cainnt agus cleachdannan a shinnsribh a bhios gu buannachd dha ’san àm ri tighinn. Bho na thainig an geamhradh chithear gach beag ’us mor le caman na dhorn, ’s gun ni a’ cur air ach nach fhaigh e ’m ball iomain cho tric ’s bu mhath leis. ’S mi do charaid, AONGHAS. Oil-thigh Nmh. F. X., 2, 2. ’97. STOR UR TAILLEARACHD. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair, MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 237] [Vol. 5. No. 31. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Ard-Phàrlamaid Chanada ri bhi air a gairm cruinn, gu gnothuichean na dùthcha a chur air dòigh, air an 11mh latha dhe’n Mhàrt. Chaidh fear Domhnull Domhnullach, a mhuinntir Antigonish, a reothadh gu bàs an an Rossland, B. C, a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh, ’se dol dhachaidh bho chuirm. Bha tuathanach agus a bhean, a’ dol tarsuinn air an rathad-iaruinn ann an cearna de Ontario an la roimhe, agus rug an carbad orra ’s chaidh am marbhadh le chéile. Chaidh na h-eich a bh’ aca mharbhadh cuìdeachd. Chaidh seann duine do’m b’ ainm Ruairidh Domhnullach a mharbhadh le sgiorradh ann am Bay St. George, Newfoundland, mu mheadhon a mhios a dh’ fhalbh. Bhe e anns a’ choille a’ gearradh connaidh, agus thuit craobh air, ’ga mharbhadh air ball. Bha e tri fichead bliadhna ’sa seachd deug a dh’ aois; fhuair e ’bhreith us àrach ann an Ceap Breatunn. Tha cuid a’ deanamh gur e dh’ aobharaich an sgiorradh a thachair aig Dorchester air an t-seachdain s’a chaidh, gu robh sia tunna de bhuinn chopair (sentichean) air bòrd fear de na carbadan, agus air dhaibh a bhi ’s an darna ceann, gu robh sin a fagail a’ charbad gun a bhi cothrom. Ach tha cuid eile ag ràdh nach deanadh sin an carbad a chur bhar an rathaid idir. Chaidh seana bhean, Nic Dhiarmaid, air chall ann an Cantley, an Ontario, o chionn ghoirid. Fhuaireadh i aig bonn craoibhe ’sa choille, agus i a réir gach colthais marbh. Chaidh a giùlan dhachaidh agus a deanamh deiseil air son adhlacaidh, ach ’nuair a bhatar ’ga h-aire, dh’ éirich i ’na suidhe. Chaidh gabhail aice gu math an sin, agus an diugh tha i cho slàn ’sa bhi i riamh. Chaidh garg ionnsuidh a thoirt air beatha fir Kaulback, ann a Halifax Di-màirt s’a chaidh, le fear Handley. Bha Kaulback na fhear-teagaisg ann an Oil-thigh Whiston agus Frazee, agus b’e Handley mac na mna a bhiodh a glanadh an taighe ’s ga chumail air dòigh. Chaidh an dithis bhar a chèile mu rud-eigin, agus tha e coltach gu’n do bhuail Handley am fear eile le tuagh, oir fhuaireadh e aig bonn na staidhre agus gearradh gnàda ’na cheann. Bhatar an dùil nach robh dòigh aige air a bhi beò, ach an deigh dha dhol fo laimh nan dotairean, chaidh e ’m feobhas, agus tha h-uile coltais air gu’n tig e uaithe. Chaidh Handley a chur an greim gu grad. Cha ’n eil ann, a reir sgeòil, ach duine gun a bhi ro thùrail, agus dh’ aidich e-fhéin gu robh e treis a dh’ ùine anns an tigh-chaothaich. Tha e mu choig bliadhna fichead a dh’ aois. Tha Kaulback ’na dhuine gle mheasail. Bha coinneamh mhor aig luchd-na-stuamachd ann a Hogamah Di-màirt. Bha àireamh mhor cruinn as gach cearna de shiorrachdan Inbhirnis, agus Victoria, maille ri beagan a siorrachdan Richmond us Cheap Breatunn. Bha roinn mhath de dheagh luchd-labhairt aig a choinneamh agus chaidh gach aon a bha ’g an éisdeachd dhachaidh toilichte. Chuir càirdean na stuamachd ann an Inbhirnis tagradh gu comhairle na siorrachd air a mhios a dh’ fhalbh, ag iarraidh orra duine thuarasdalachadh air son sealltuinn as deigh na feadhnach a tha bristeadh an lagha le bhi creic stuth làidir, ach bha ’chuid bu mhotha de bhuill na comhairle ’an aghaidh sin. Tha càirdean na stuamachd a nise dol a dh’ fhastadh duine iad fhein ’s a’ dol ’ga phàigheadh air son na h-obrach, mar sin a nochdadh nach eil iad idir a’ call am misnich. ’S e Mr. Seumas Calder as a Bhaigh ’n Iar a tha gu bhi aca, agus is duin’ e a ni a dhleasnas gu dileas. Bha e ’san obair cheudna an uiridh agus a faotainn tuarasdail bho’n chomhairle. Chaidh taighean an Riaghlaidh Stàit Phennsylvania a losgadh gu làr Di-màirt s’a chaidh. Bha pàrlamaid ’na stàite cruinn aig am àm, agus b’ fheudar do na buill teicheadh le ’m beatha. Chaidh moran de sgriobhaidhean luachmhor a chall. Tha ’n call uile air a meas aig muillein dolair. Cha ’n eil a’ chòmhstri ann an Springhill thairis fhathast. Tha luchd-seilbh na méinnean agus an luchd-obrach le chéile cho dian ’nam barail fhéin ’s nach eil moran de cholthas na réite air a chùis idir. Cha ’n eil iad ach gle bheag na’s fhaisge air còrdadh na bha iad a cheud latha sheas na daoine mach. Anns an àireamh so gheibhear ainmean na phàigh air son a phaipeir o’n bha “Iadsan a Phàigh” ann roimhe. Ma rinn sin dearmad air neach sam bith ’se dhleasanas fios a chur ugainn gun dàil. Agus neach sam bith nach eil am paipear a ruigheachd gu riaghailteach, bhitheamaid ’na chomain ’nan cuireadh e fios ugainn, oir cha bu mhath leinn duine bhi ’ga chall. Bha Mr. Crowe air a thaghadh mar mhayor ’sa bhaile Di-màirt, le ceud us ceithir bhòt a bharrachd air na fhuair Mr. Richardson. Anns an treas earann, fhuair Domhnull Domhnullach a stigh mar fhear-comhairle, le ochd bhòtaichean a bharrachd air Murchadh Moireastan. Fhuair N. E. Muggah agus Isaac Greenwell, a stigh anns a cheud ’s an darra h-earann, gu h-aon-ghuthach. Ann an Sidni Tuath bha Uilleam Purves air a chur a stigh ’na mhayor, agus bha Rudderham, Hacket, Musgrave, agus Tobin air an cur a stigh ’nan luchd-comhairle. Chaidh fear Frank Butler, a ghlacadh ann an San Francisco, Di-màirt s’a chaidh air amhrus gu bheil e ciontach de mhort tri no ceithir-filte. ’S ann an Astralia a rinneadh na moirt, agus bha esan air tigh’nn direach as an dùthaich sin air soitheach air an d’ oibrich e ’fharadh mar sheoladair. Bha roinn mhath de dh’ imrich aige, agus fhuaireadh àireamh nithean air a shiubhal a dhearbhas a chionta. Cha robh fhios aig sgiobair an t-soithich co bh’ aige gus an deach innse dha le sgiobair soithich eile a thachair air air a chuan. An deigh sin chum e sùil air a mhortair, ach cha do leig e ris dha gu robh amhrus sam bith aig air, agus tha e ’g radh gu ’m b’e seòladair a b’ fhearr a bh’ air bòrd. ’Se Lee Weller an t-ainm a thug Butler seachad, ainm fear de ’n fheadhain a ’chaidh a mhort. Iadsan a Phaigh. Niall D. Mac Iomhair, Graniteville, Vt. Iain D. Mac Gilleain, Avalon, Cala. Aonghas Mac Gill-fhinnein, Boston, Mass. Domhnull Mac-a-Phearsain, Providence, R. I. D. I. Mac Dhomhnuill, Greenfield, Ont. H. A Mac Ille-mhaoil, South Finch, Ont. Alasdair Buchanan, Braidalbainn, P. E. I. An t-Onarach Uilleam Ros, Halifacs, N, S. C. D. Domhnullach, Halifacs, N. S. Dr. A. H. Mac Aoidh, Halifacs, N. S. An t-Onarach Aonghas Mac Gillebhrath, Antigonish An t-Urr. Iain I. Siosal, sagart Phictou. Seumas I. Mac Gilleain, Woodbine, C. B. Iain Domhnullach, Ceap Nor. Domhnull Moireastan, Ceap Nor. Gilleasbuig Mac Neill, Cape Dauphin. Ceit C. Dhomhnullach, Grant, South Cove. A. I. Mac Coinnich, Christmas Island. Iain K Mac Rath, Boulardarie Centre. Ceit M. Dhomhnullach, Broan Cove Marsh. Iain Mac ’Ille-mhaoil, Horn’s Road. Aonghas òg Mac Gill-fhaollain, S. W. Margaree. A. R. Mac Neacail, Barrachois Harbor. Lachuinn Mac Ille-mhaoil, Loch Ainslie. Iain Dillon, Round Island, Mira. Mairi B. Nic-a-Bhiocair, Enon. Iain Mac Fhionghain, Rosedale. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 238] [Vol. 5. No. 31. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 235.) an ceann. A bharrachd orrasan tha àireamh mhòr do laoich thréun leis am bu mhiann an ainm a bhi air chuimhne; ach bha ’m beatha mar shlighe na saighde o’n spear, a shiùbhlas gu luath seachad, agus air ball a tha air a dhruideadh suas. ’San iar-thuath o dhorus na h-eaglais so, tha leac mhòr anns am bheil dòirneagan cruinne ris an abair iad clacha-bràth, a b’ abhaist doibh ann an làithibh an dorchadais a thionndadh mu’n cuairt air mhodh araid, gu h-amaideach a’ creidsinn nach tigeadh latha-bhràth no deireadh an t-saoghail gus am biodh an leac sin air a caitheamh gu buileach troimpe. Tha ’n eaglais àrd taobh na h-àirde tuath do’n chladh so; tha i cùig-troidhe-deug agus cùig fichead air fad, agus trì-troidhe-fichead air leud. Tha tùr àrd dreachmhor ag éiridh ’na meadhon, agus tha na h-uinneagan air an snaidheadh gu h-ealanta. Air cuid do chlachaibh barra-bhalla ’n tighe so, tha dealbhan agus cuid do eachdraidh a’ Bhìobuill air an gearradh gu ro-ìnnleachdach. Bha altair do mharmor geal aon uair san eaglais so; ach bhriseadh i, agus thugadh gu buileach air falbh i, leis an fhaoin smuain gu’n robh buaidh agus éifeachd àraid fuaighte ris a’ mhir a bu lugha dh’i. Làimh ris an altair tha uaigh an Aba Mhic-Ionmhuinn, air am bheil leac a thug bàrr air gach aon eile m’a timchioll. Air ùrlar na h-eaglais tha leac Mhic-Leòid Dhunbheagain, agus iomad aon eile air nach ’eil eachdraidh againn. Air cùlthaobh na h-eaglais so, tha làrach tighe nam manach, far am bheil na clacha dubha a bha aon uair co ainmeil ann an Gaeltachd Alba, air am b’ àbhaist d’a h-uaislibh an cùmhnantan a nasgadh le mionnaibh os ceann uaigh Chalum-Chille. Dlùth do thigh nam manach tha tigh an Easpuig, far an do ghabh Easpuigean Earraghael còmhnuidh, an déigh do’n eilean Mhanach a bhi air a dhealachadh uaithe. Tha ri fhaicinn an so iarmad nan lios a bh’ aig na Manaich far an robh mòran do luibhibh ìocshlainteach. Tha làrach a’ mhuilinn agus na h-àtha fathast air an comharachadh a mach: tha ’n t-àite san robh ’n linne-mhuilinn a nis gun uisg’ ann, agus ’s ann aisde tha iad a nis a’ tilgeadh na mòine tha iad a’ losgadh. Tha e cosmhuil gu’n robh callaid àrd chloiche mu thimchioll na h-aitreabh naoimh so, gu h-àraid aig an taobh mu thuath, chum au dion o’n luchd-creachaidh a thàinig orra o’n àirde sin, aig nach robh ach beag suim do dhiadhachd no do dhaoinibh matha bha thàmh san àite sin.—Leabhar nan Cnoc. Urnuigh Oisein. Oisein. Aithris sgeul, a Phàdruig, An onair do leughainn, Am bheil nèamh gu h-àraidh Aig Fiannaibh na h-Eirinn? Padruig. Bheireams’ briathar dhuitse, Oisein nan glonn, Nach ’eil neamh aig t’ athair, Aig Oscar, no aig Goll. O. ’S olc an sgeul, a Phàdruig, A th’ agad dhomhs’, a chléirich; C’ uim’ am bithinn-sa ri cràbhadh, Mur ’eil neamh aig Fiannaibh Eirinn? P. Nach dona sin, Oisein, Fhir nam briachra boile, ’S gu’m b’ fhearr Dia ré aon uair’, Na Fianna Eirinn uile? O. B’ fheàrr leam aon chath làidir, A chuireadh Fionn na Féinne, Na Tighearn a’ chràbhaidh, Agus thusa, chléirich. P. Ge beag a’ chuil chrònanach, Agus mònaran na gréine, Gun fhios do ’n Righ mhòralach, Cha teid fo bhil’ a sgéithe. O. ’N saoil thu ’m b’ionnan e’s MacCumhail, An righ ’bh’ againn air na Fiannaibh? Dh’ fhaodadh gach neach ’bha air thalamh, Dol ’n a thalla-san gun iarraidh. P. Oisein! ’s fada do shuain, Eirich suas is éisd na sailm, O’n chaill thu nis do lùth ’s do rath, ’S nach cuir thu cath ri là garbh. O. Ma chaill mi mo lùth ’s mo rath, ’S nach maireann cath a bha aig Fionn, Do d’ chléirsinneachd is beag mo spéis, ’S do cheòl éisdeachd ni ’m fiach leam. P. Cha chual thu co math ri m’ cheòl, O thùs an domhaìn mhòir gus a nochd; ’S tha thu aosda an-ghlic liath, Fhir a dhioladh cliar air chnoc. O. ’S tric a dhiol mi cliar air chnoc, ’Ille Phadruig a’s olc rùn, ’S eucoir dhuitse ’chàin mo chruth, O nach d’ fhuair thu guth air thùs. Chualas ceòl os cionn do cheòil, Ge mòr a mholas tu do chliar; Ceòl air nach luidh leth-trom laoich, Faoghar cuile aig an Ord Fhiann. ’N uair a shuidheadh Fionn air cnoc, Sheinneamaid port do ’n Ord-Fhiann, ’Chuireadh ’n an codal na slòigh, ’S ochòin bu bhinne e na ’chliar. Smeòrach bheag dhubh o Ghleann Smàil, Faoghar nam bàrc ris an tuinn, Sheinneamaid an leithid’ a phuirt, Is bha sinn féin ’s ar cruit ro bhinn. Bha tri gaodhair dheug aig Fionn, Leigeamaid iad ri Gleann Smàil; ’S bu bhinne glasghairm ar con, Na do chluigs’, a chléirich chàidh. Cuide ruinne Fionn ar dia, A riar char agus sgoil Thug e là air bronnadh òir ’S an ath lò air meaghar chon. P. Aig meud ’fhiughar ri meaghar chon, ’S e dioladh sgoil gach aon là, ’S aig lughad eisimeil ri Dia, A nis tha Fionn nam Fiann an làimh. O. ’S gann a chreideas mi do sgeul, A chléirich le d’ leabhar bàn, Gu ’m bitheadh Fionn, no cho fial, Aig duine no aig Dia an làimh. P. Ann an ifrinn tha e ’n laimh, Fear le ’n sàth bhi bronnadh òir, Air son a dhimeas air Dia, Chuir iad e ’n tigh pian fo lèon. O. Nan robh Clanna Morni steach, Is Clanna Baoisgne, na fir threun’, Bheireamaid-ne Fionn a mach, No bhiodh an teach againn féin. P. Coig choigeanna na h-Eirinn ma seach, ’S air leat-sa gur mòr am feum, Cha tugadh sin Fionn a mach, Ged bhiodh an teach agaibh féin. O. Nach math an t-àite ifrinn féin, A chléirich dha ’n léir an sgoil? Nach co math is flaitheas Dé, Ma gheibhear innt’ féidh is coin? Bha mise là air sliabh Bhòid, Agus caoilte ’bu chruaidh lann. Bha Oscar ann is Goll nan sleagh, Dòmhnull nam fleadh isfraoch o’n ghleann; Fionn Mac Cumhail, borb a bhrigh, Bha e ’n a righ os ar cionn. Tri maca àrd-righ nan sgiath, Bu mhor am miann air dol a shealg, A Phàdruig nam bachall fiar, Cha leigeamaid Dia os ar cionn. Bu bheag leam Diarmad O’ Dhuinn, Agus Fearrghas ’bu bhinne glòir, Nam bu chead leat mi do ’n luaidh, A chléirich nuaigh a theid do’n Ròimh. P. C’uim’ nach cead leam thu do ’n luaidh, Ach thoir t-aire gu luath air Dia? O’n tha nis deireadh air t-aois, Sguir do d’ bhaois, a shean-fhir léith. O. A Phàdruig, ma thug thu cead, Air beagan a labhairt duinn, Nach aidich thu, ma ’s cead le Dia, Flath nam Fiann a ràdh air thùs? P. Cha d’thug mise comas duit, A shean-fhir chiùrt, agus thu liath, B’ fhearr Mac Muire ré aon là Na duine a thàinig rìamh. O. Nior robh math aig neach fo ’n ghréin Gu ’m b’ fhearr e féin na mo thriath; Mac mùirneach nach d’ éitich cliar ’S cha leigeadh e Dia os a chionn. P. Na comhaid thusa duine ri Dia, A shean-fhir léith, na breithnich e; Is fada o’n thainig a neart, Is mairidh a cheart gu bràth. O. Choimhaidinnse Fionn nam fleadh Ri aon neach a sheall ’s a’ ghréin; Cha d’ iarr e riamh ni air neach ’S cha mhò dh’ eur e neach mu ni. Bheireamaid seachd cathan fichead, an Fhiann, Air sithean Druim Cliar a muigh; Cha tugamaid urram do Dhia, No ’cheann cliar a bha air bith. P. Seachd cathan fiichead dhuibhse, ’n ar Féinn, Cha do chreid sibh ’n Dir nan dùl; Cha mhaireann duine do’r sliochd, ’S cha bheò ach riochd Oisein ùir. O. Cha ’n e sin bu choireach ruinn, Ach turas Fhinn a dhol do ’n Ròimh, Cumail cath Ghabhra leinn féin, Bha e claoidh ar Féinn gu mòr. P. Cha ’n e sin ’chlaoidh sibh uile ann A mhic Fhinn, o ’n geàrr gu d’ ré; Eisd ri ràdh Righ nam bochd, ’S iarr thusa nochd nèamh dhuit féin. O. Comraich an dà abstol deug, Gabhaidh mi dhomh féin a nochd; Ma rinn mise peacadh trom, A chur an cnoc nan tom a muigh. [TD 239] [Vol. 5. No. 31. p. 7] Prionnsa Tearlach an Deigh dha Breatunn Fhagail. Ged bu ghann a fhuair Teàrlach as le ’bheatha an deigh blàr Chùil-fhodair, cha robh smuaineachadh sam bith aige féin no aig na lean e do’n Fhraing an cogadh a thoirt thairis: Beagan làithean an deigh dol air tir dh’iarr ’us fhuair e cothrom air Liuthais XV., righ na Frainge, fhaicinn. Ghabh an righ ris gu subhach, ’s rinn e òraid ghoirid, a moladh a’ Phrionns’ air son a mhisneachd ’s a threubhantais. Bha, réir coslais, eagal mòr air luchd ùghdarais Bhreatuinn gu’m biodh Liuthas ro chaoimhneil aig an àm so ri Teàalach—gu’n tugadh e armailt dha gu thighinn air ais còmhladh ais na Gàeil, gus an ath dheannal a thoirt air an arm dhearg. Agus mar sin chum iad na bha dh’ arm am Breatunn gun dol gu tir-mòr na h-Eòrpa, ged a bha ’n cogadh a’ sior dhol air aghart ’an sin eadar iad féin ’s an Fhraing. Agus air an aobhar sin fhuair an Fhraing buaidh air Sasunn ’s a luchd cuideachaidh aig an àm ud. Ach fhuair cùirt Shasuinn a mach a’ chuid ’s a’ chuid, nach robh am Frangach glé dheònach air armailt a thoirt idir do Theàrlach; agus mar sin, chaidh an t-arm a chur a null far an robh feum mòr dha. Rinn sin ni bu ro dhoirbhe do ’n Fhrangach cuideachadh le aobhar nan Stiùbhartach. Bha righ na Frainge gle dheònach air a bhi cho cairdeil do Thearlach ’s a b’ urrainn e. Rinn e solarachadh saibhir air son nan uaislean a lean e null as Alba. Chuireadh suim mhor airgid air leth air son a bhi ga roinn orra sin gach bliadhna, réir an inbhe; agus rinneadh dithis diubh ’nan ceannardaibh air réiseamaid ’s an arm. Ach ’n uair a thuig Tearlach nach robh e dol a dh’ fhaotainn a’ chòmhnaidh air an robh ’inntinn suidhichte, bu mhòr a chràdh cridhe, ’s bha ’chion foighidin a réir sin. ’Null a thug e do’n Spàin an sin, a dh’ fhaicinn ciod a dheanadh righ na tire sin air a shon. An déigh beagan caitheamh bhead a dheanamh air ’an ceann-bhaile na Spàinne, thuig e nach b’ fhearr Spàinneach na Frangach, ’s phill e air ais do Phàris. Ach fadheòidh, mu thoiseach na bliadhna 1747, thàinig e gu bhi soilleir gu’n robh na Frangaich a’ fàs sgith de ’n chogadh. Ged a bha iad a’ cosnadh mir fearainn ’an àite ’s an àite, bha iad air call an cuid luingeas cogaidh, cha mhor gu h-iomlan; agus bha call ro mhor a dol air an cuid malairt. B’ e righ na Fraing’ a thairg cumhachan sith an toiseach; agus ann am mios deireannach an earraich, chum na righ-theachdairean, aig an robh cumhachd an t sith a nasgadh, coinneamh ’an aite ris an abrar Aix la-Chapelle ’s a Ghearmailt. Leugh Tearlach an t-eagal ’n uair a chual e iomradh air sith eadar Breatuinn ’san Fhraing; agus sgriobh e Protest, a chuir e dh’ ionnsuidh gach fir-ionaid rioghachd aig an robh gnothuch ris an t-sith a dheanamh, a togail fianuis an aghaidh iad a dheanamh ni sam bith nach robh co-sheasmhach ri ’athair-san aideachadh mar righ nan eileanan Breatunnach. So na b’ urrainn Tearlach a dheanamh. Rinn ’athair an ni ceudn’ air a shon féin. Ach cha do chuir luchd deanamh na sith mor shuim ’am Protest nan Stiubhartach. Chaidh bann na sith a sheulachadh leis na rioghachdaibh fa leth, gun tuilleadh a chur ris, air an t-seachdamh là de mhios deireannach an fhoghair. ’Am measg nithe eile ris an d’ aontaich righ na Fraing’ air sgàth sith, b’ eigin da gealltuinn nach feudadh Tearlach Stiùbhart fuireach ’an àite sam bith an taobh stigh de chriochan na Frainge. Chaidh so innseadh do Thearlach. Ach cha robh e ’cur suim sam bith ann. Bha e ’seasamh air comh-chòrdadh eil’ a bh’ eadar e féin ’s Luthais mu’n deachaidh e dh’ Alba, gu ’m biodh iad a ghnàth ’an comh-bhoinn ri ’chéil’ an aghaidh Shasuinn. Cha b’ urrainn Luthais seasamh ri so, ’s fhuair Tearlach iomadh rabhadh gus an Fhraing fhàgail. Chuireadh paipear bàn d’ a ionnsuidh leis an righ gus e féin a chur sios suim sam bith a thogradh e iarraidh, ’s gu’m pàigheadh an Fhraing sin dha ’s e dhol do àite sam bith eil’ a thogeadh e. Ach cha ghabhadh Tearlach sin. Bha e air son fantuinn ’am Pàris air gach aon chor. Chuir Luthais teachdair’ ’us litir do ’n Ròimh thun a’ Chebhalier de St George, a’ gearan air do lùbaidheachd Thearlaich. Chuir an Cebhalier litir air ais thun an righ, ’s té eile gu Tearlach a’ guidheadh air comhairl’ an righ a ghabhail. Ach bha Tearlach cho rag ’sa bha e roimhe. (Air a leantuinn air taobh 240.) CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. “Eagle Parlor” Matches Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe. Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh, oir cha’n eil faileadh dhuibh idir. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, MONTREAL, TORONTO. [TD 240] [Vol. 5. No. 31. p. 8] (Air a leantuiun o thaobh 239.) Cha ghiùlaineadh ministeirean Luthais le Tearlach ni b’ fhaide. Chuir iad thun an righ gu barantas a sheulachadh gu Tearlach a chur ’an làimh. Air maduinn an deicheamh là de mhios meadhonach a gheamhraidh thug duin’ uasal rabhadh do Theàrlach, mur teicheadh e gu’m bitheadh e air a chur an làimh an là sin féin. Ach cha do chuir e suim sam bith an sin. Rinn e air son dol do’n tigh chluich an oidhche sin. ’N uair a theirinn e as ’inneal-siubhail aig dorus an tigh chluiche, ’am beul na h-oidhche, bha seisear oifigeach ga fheitheamh; rinn iad greim air, ’s ghiùlain iad e do chùirt na lùchairt rioghail a bha dlùth air làimh. Thugadh ’armachd uaith’ an sin, ’s cheangladh a làmhan le còrd làidir sioda, ’s chuireadh air falbh e ’an inneal-siubhail, fo gheàrd làidir gu Caisteal Uicennes. Chuireadh a steach do sheòmar beag ’am mullach a’ chaisteil e gun duine còmhladh ris ach Nial Mac Eachainn, gille frithealaidh Fionghaill Dhòmhnullaich, a lean e as Alba. Fhuair e beagan saorsainn a ris gu ceum sràideachd a ghabhail timchioll a’ chaisteil. Agus air a’ chuigeamh là deug, air dha ’ghealladh a thoirt nach pilleadh e air ais do ’n Fhraing, fhuair e cothrom falbh gu ruig Avignon, a bhuineadh do ’n Phàp aig an àm sin, ged a tha e ’m meadhon na Frainge. Feudar a chuid de eachdraidh Thearlaich a thachair an déigh sud, co fad ’s a bhuineas sin do Bhreatuinn, innseadh am beagan bhriathraibh. Cha robh e ùine sam bith an Avignon an uair a thug e cheann fodha, ’s cha robh fios c’ait an deachaldh e. Fhuaradh a mach ’na dhéigh sin gu ’n deachaidh e air ais do ’n Fhraing gu folchuidh, gun còmhladh ris ach aon duine, ’s gu ’n robh e ’m Pàris toiseach an t-samhraidh. Ach chaidh e ris air chall, ’s cha robh fios c’àit’ an robh e fad còrr ’us bliadhna. Bha Prionns’ Eanruic, a bhràthair, air a dheanamh ’na Chàrdinal leis a’ Phàpa goirid roimhe so, ’s thug sin air Teàrlach cùl a chur ris; cha ’n fhuilingeadh e fhaicinn. Ach bha e gu tric a’ sgrìobhadh gu ’athair. B’ ann ’an Lunnuinn a rinneadh an ath lorgachadh air Teàrlach, ann am mios meadhonach an fhoghair, 1750. Chuir a chàirdean a bh’ air tìr-mòr ’na cheann tighinn a nall a dh’ fhaicinn an robh na Seumasaich Shasunnach ullamh gu éiridh air a thaobh. Ach cha d’ fhan e ’n Lunnuinn ni b’ fhaide na coig làithean, an uair a thuig e nach robh ullachadh air bith ga dheanamh. An déigh falbh á Lunnuinn air an turus ud thuit e dh’ ionnsuidh nan dòighean folchuidh a bh’ aige roimhe. Fhuaradh an ath shealladh dheth ’an eilean Mhidelborg ann am mìos meadhonach an earraich, 1752. Tha cuid a’ smuaineachadh gu’n do thaghail e ’n Lunnuinn an ath bhliadhna. Ach cha ’n ’eil dearbhadh sam bith air sin, no fòs air gu’n robh e ’n Lunnuinn aig àm crùnaidh Sheòrais III. Bha e call a mhisneachd a lion cuid ’us cuid an déigh sìth Aix-la-Chapelle, agus a’ call a mheas mar an ceudna. Chuir a chàirdean Sasunnach teachdairean d’a ionnsuidh caochladh uairean ga chomhairleachadh air son cuid a rudan a bha dol air aghart ’na theaghlach. Ach cha ’n fhuilingeadh e chluinntinn gu’n gabhadh a chuid iochdarana orra esan a chomhairleachadh; ’s thàinig iad mar sin gu bhi fàs leth choma dheth. Bha e còmhnuchadh ’an Avignon an déigh so gu bàs ’athar, thachair ’am mìos meadhonach a’ gheamhraidh 1766 ’s an Ròimh, far an d’ adhlaiceadh e le greadhnachas rìoghail. Dh’ fhàg athair mòran sheudan luachmhor, ’us cur a stigh cuibheasach aig Teàrlach, a thog ionad còmhnuidh ’an Albàno ’s an Eadailt. Goirid an déigh sin phòs e ban-Phrionns’ á teaghlach Gearmailteach ris an abras Stolberg Guediran. Ach thionndaidh e mach gu bhi ’na phòsadh mì-fhortanach, mar theirear. Cha robh e féin ’s a’ bhan-Phrìonnsa réidh, ’s dhealaich iad ri chéile, ’s bha esan an déigh sin a’ tuiteam ann am meas gus an do bhàsaich e’ air an là mu dheireadh de’n gheamhradh 1788, trì fichead bliadhna ’s a seachd a dh’ aois. Dh’ adhlaiceadh e ’an eaglais Frescàti air an robh a bhràthair, Càrdinal Iorc, ’na Easbuig. Cha robh duin’ a làthair a nis de theaghlach nan Stiùbhartach gus an crùn Breatunnach a thagradh ach an aon Phears’ eaglais so. Agus mar a eig esan deth na h-uile smuain air dragh sam bith a chur air teaghlach Hanòbhair, shuidhich rìgh Shasuinn ceithir mìle Punnd Sasunnach ’s a’ bhliadhna de phàigheadh air ré a bheatha.—Eachdraidh na h-Alba. Tha am bathar aig D. J. Domhnullach ’ga chreic gle shaor. Cùmhnaidh duin’ airgead le bhi ceannach uaithe. Tha e ’n dràsda ’creic ghalaisean is fhiach 25, 50, 75c, agus $1,00, air 18c am paidhir. Agus tha cotaichean-uachdair aige air $2,80. Taghail aige. Tha ’m bathar aige an còigeamh cuid na’s saoire na aig marsanta sam bith eile. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95 [TD 241] [Vol. 5. No. 32. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 13, 1897. No. 32. Litir a Manitoba. A DHUINE CHOIR,—’S ann againne a bha an aimsir choirbte, fhuar, chruaidh, dhosguinneach, bho ’n uair mu dheireadh a bha sinn a conaltradh. An uair a bha ceud mios na bliadhna a’ gabhail beannachd leinn chrath e earball luideach ann ar n’ aodann. Am prabaire mosach! dh’ fhàg sin ioma gille bochd an diugh le sròn mhor, sùilean prabach, agus cluasan cutach. Thainig stoirm air muin stoirme, doirionn a deigh doirionn, agus a h-uile te mar a thigeadh, a toirt bàrr air càch. Sud far an robh an ùpraid am measg nan dùilean! Gaoth a séideadh, a nullaich agus a bùrach; sneachda air iomain, air a thional ’s air a luasgadh a null agus a nall, a’ ruith ’sa ruagadh cho luath ri gille-mirean, agus a brùchdadh a steach muin air mhuin do na bothain le ioma ciorram agus galar. Thug e an déideadh chum nam boirionnach, lòinidh chum nam fear, agus tinneas-goile air beag us mor, òg ’us aosda. Is ioma seadh, mar is maith a tha fios agad féin a dhuine urramaich, anns am feum an searbh teachd air toiseach air a mhilis; ni-headh, cha b’ urrainn duinn eòlas na blas fhhaotainn air a mhilis as eugmhais eòlas air an t-searbh mar an ceudna. C’arson a tha biadh ’us blàths cho ion-mhiannaichte ann ar sealladh? Tha, direach airson gu bheil eòlas againn air fuachd ’us acras. Agus c’arson a chosgas neach a mhaoin uile ri lighichean an tòir air slainte ’s neart, ach airson saorsa fhaotainn bho ’n eu-slaint agus an laigse a rinn greim air. Ach ni air nach robh eòlas no faireachdainn aig neach roimhe, agus ni nach fhaca ’s nach cuala e aig muinntir eile, ’s cinnteach nach rachadh e idir air a thòir. “An rud nach cluinn cluais cha ghluais cridhe.” Ma tha so uile fior, cha leig e leas ioghnadh a chur air neach sam bith ged a theireamaid gu bheil sùrd agus gean nuadh air a h-uile mac màthar againne, chionn gu bheil na neoil, fadheoidh air an sgapadh, ’s gu bheil grian nan speur gu miog-shuileach ag amharc oirnn, ’s a’ tilgeadh a gathain bhlath cho miodalach ri òigfhear ag iarraidh a rithist gean-maith agus gaol na caileig, air an do sheall e re tamuill cho ro-ghruamach; agus ’s cinnteach nach leig mi leas innse do dhaoine a thuigeas a Ghailig, gur math a b’ fhiach dhoibh a dhol rud beag troimhe chéile airson féin-fhiosrachadh an t-sòlais a thainig ann an lorg na réite; gidheadh se mo bharail nach eil e sàbhailte an cuilbheart so a chleachdadh os cionn aon uair. Ach gu teachd a rithist a dh’ ionnsaidh mo sgeòil. Tha ’n aimsir air fàs ciùin, tha na fir a h-uile latha anns a’ choille, agus tha na mnathan air an déideadh a sguabadh a mach maille ris an luaithre chum na sitig. Agus ma bhios sinn beò cha ’n fhada aig am faod sinn a radh, ann am briathran duine a bha glé ghlic agus tuigseach eadhon ged a thug na boirionnaich an car as, (no mar a b’ fhearr a dh’ fhaodamaid a radh, ged thug iad car ann): “Feuch tha ’n geamhradh seachad. “ B’e mo dhùrachd do uile chàirdean a MHIC-TALLA gu ’m bitheadh so air a choimhlionadh do ’n taobh anns an t-seadh a’s airde. Is mo do charaide dileas, MAC DHOMHUILL BHREABADAIR. Ceud-mhios an earraich. Litir a Ontario. Tha mi cinnteach gu bheil luchd-leughaidh MHIC-TALLA anns a’ bhaile so an dùil gu’n do chuir mise cùl ruibh ’nuair a tha mi cho fada gun sgriobhadh ugaibh. Ach b’ fhearr leam gu’n tòisicheadh pàirt de na daoine còire sin iad fhéin air sgriobhadh, agus gheibheadh iad a mach gu de cho furasda ’sa tha e suidhe sios agus naigheachd a chur an òrdugh air son paipear, agus fhios aige cho lionmhor ’sa tha iadsan a gheibh coire dhi mur bi i air a cur an òrdugh gu math, ’s cho fior ’sa tha e, mar a thuirt am fear roimhe, gu’n saoil fear a bhios na thàmh gur e-fhéin a’s fhearr làmh air an stiùir. Bha Dùghall Mac Gilleain a faoighneachd dhiom an la roimhe c’uin a sgriobh mi mu dheireadh. Bha e ’g ràdh rium gu’m b’ fhearr gun tòiseachadh idir, ma bha mi air sgur cheana. Ach bha e toirt breith ro luath, oir cha ’n eil romham sgur fhathast. Tha mi gu dearbh a’ gabhail nàire air son na tha de Ghàidheil againn anns an àite so, agus nach eil aon diubh a chuireas do dhragh orra fhéin na chuireas litir an dràsd agus a rithist dh’ ionnsuidh a phaipeir a tha ’cumail suas na Gàilig cho math seachdain an deigh seachdain. Cha’n urrainn do fhear-deasachaidh paipear math a chur a mach mur bi daoine as gach cearna ’sgriobhadh uige gu riaghailteach. Tha mi faicinn gu bheil gach cearna de Chanada a’ deanamh na’s fhearr ’s an doigh sin ri MAC-TALLA na Ontario, ged is iomadh Gaidheal mor a th’ ann aig a bheil an deagh sgoil Ghailig, moran na’s fearr na th’ agamsa, oir cha do sheall duine facal Gàilig dhonhsa riamh, ach mar a dh’ iunnsaich mi-fhéin, agus mar is trice cha’n eil am féin ionnsachadh ri mholadh. Ach ’nuair a bheir duine sachad Beurla no Gàilig mar a tha i aige, cha’n urrainn e ’n còrr a dheanamh ’s cha chòir a bhi ’ga agairt. Bha an t-side gu math fuar againn an so fad che’-la-deug, ach tha i nise fas coltach ri side bhog a rithist. Cha’n eil an sneachd ach mu shia òirlich a dhoimhneachd. Cha robh sleigheadh againn gu meadhon Ianuaraidh. Tha prisean a’ fantuinn gu math iseal, tha biadh cruidh gann ann an àiteachan, ach tha gu leòr againn anns a choimhearsnachd so. Tha fear Iain Caimbeul ann am Proton faisg air an àite so a thainig a àite-eigin faìsg air Sidni. Tha e fhéin ’s a’ bhan-righ an aon aois, ach ged a tha e cho sean sin, thig e, cha mhor na h-uile Sàbaid, astar ochd mile gu Priceville a dh’ eisdeachd an t-searmoin Ghàilig. ’Se duine gu chùl a th’ ann. Chaidh Domhnull Mac Mhuirich a thaghadh gu bhi ’nr cheann air an Sgoil Shàbaid ’san eaglais Chléirich. ’Se duine òg a th’ ann agus maighstir-sgoile. Tha e faotainn MHIC-TALLA ’s ma’s math mo bheachd gheall e dhomhsa gu’n sgriobhadh e rud-eigin g’a ionnsuidh gun dàil, agus tha fhios agam nach toir e ’ghealladh seachad gun a choilionadh. Chaochail bantrach Alasdair Mhic Eachainn o chionn seachdain, tri fichead us sia bliadhna deug a dh’ aois. Thainig i do’n àite so o chionn da fhichead bliadhna ’sa ceithir, ’nuair a bha e gle dhuilich feum a dheanamh ’sa choille mhoir. Cha’n eil moran de na seann daoine beò a nis; tha aon an deigh aon diubh a’ falbh, agus cha bhi ’n ùine fada gus am bi an ainmean air diochuimhn. Ach ro-phriseil aig an Uile-chumhachdach tha bàs a naoimh, agus cha teid an ainm air diochuimhn air a chaoidh. Tha Aonghas Domhnullach air a gheamhradh so a cumail sgoil-sheinn anns an tigh-sgoile faisg orm. Tha moran òigridh a cruinneachadh; tha cuid dhiubh a tha ag ionnsachadh, agus cuid eile nach eil, ach bu chòir dhaibh sin an cothrom a ghabhail fhad ’sa gheibh iad e. Tha mi a’ smaoineachadh a nise gu’n sguir mi, oir tha àm cadail ann. ’Se so a cheud latha de Februaraidh, agus bu latha briagh e. Tha mi an dòchas gu’n ruig so thu ann an deagh àm. Sgriobhaidh mi an ùine gun bhi fada rithist, ma bhios mi mar bu mhath leam. Is mi ur caraid, IAIN MAC GILLEASBUIG. Priceviile, Ont. [TD 242] [Vol. 5. No. 32. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. V.—EACDHRAIDH AN IASGAIR. O chionn fad’ an t-saoghail bha iasgair bochd ann aig an robh bean is triuir chloinne. A dh’ aindeoin cho dichiollach ’s gu’n robh e, bha e cruaidh gu leor air e fhein ’s a bhean ’s a chlann a chumail suas. Gu math moch a h-uile madainn bha e ’dol a dh’ iasgach; agus bha e mar chleachdadh suidhichte aige, nach cuireadh e na lin ni bu trice na ceithir tursan a h-uile latha. Air madainn araidh dh’ eirich e mu ’n deachaidh a’ ghealach fodha, agus an uair a rainig e an cladach, chuir e dheth a’ chuid aodaich, agus chuir e na lin. An uair a tharruinn e gu tir iad, dh’ fhairich e anabarrach trom iad, agus shaoil leis gu robh iad luma-lan eisg. Rud nach b’ ioghnadh, bha e anabarrach toilichte. Ach an ceann tiotaidh, an uair a thug e na lin gu tir, ciod a bh’ aige annta ach closnach aiseil. Chuir so mi-ghean gu leor air. Bha na lin air an stracadh. Cho luath ’s a chairich e na lin, chuir e iad an dara uair. Am am a bhith ’g an tarruinn dh’ fhairich e gu robh iad gle throm, agus bha duil aige gu robh iasg gu leor annta. Ach an uair a thug e gu tir iad, cha robh annta ach seana chliabh lan puill is eabair. Thug so a mhisnech uaithe gu mor. “O fhortain.” ars’ esan, “na bi cruaidh orm, agus na bi ’cur cul rium buileach glan. Is duine bochd, truagh mi aig nach ’eil doigh eile gus mi fhein ’s mo theaghlach a chumail suas ach a bhith, mar a’s fhearr a dh’ fhaodas mi, a’ sas ann an iasgach. Agus a dh’ aindeoin na bheil mi ’deanamh de shaoithreachadh, is gann a theid agam air biadh a chumail ri mo theaghlach. Ach cha bu choir dhomh bhith ’cur coire ort. Tha thu ’gabhail tlachd ann a bhith gle chruaidh air daoine bochda, onarach, agus tha thu ’leigeadh an toil fhein do na daoine a tha ann an suidheachadh ard, inbheach, am feadh ’s a tha thu nochdadh iomadh fabhar dhoibhsan a tha eucorach agus fo dhroch ainm.” An uair a sguir e de ’n ghearain so, thilg e uaithe an cliabh le feirg. Nigh e na lin o ’n pholl ’s o ’n t-salchar, agus chuir e an treas uair iad. An uair a tharruinn e gu tir iad cha robh deargadh eisg aige annta. Is gann gu’m b’ urrainn an duine bochd cainnt a chur air an t-suidheachadh-inntinn anns an robh e. Cha mhor nach robh e as a chiall. Ach an uair a thoisich an latha ri soilleireach, chaidh e dh’ urnuigh mar bu ghnath leis, agus thuirt e:—“A thighearna, tha fhios agad nach ’eil mise a’ cur nan lion ach ceithir uairean ’s an latha; chuir mi mar tha iad tri uairean, agus cha d’ fhuair mi dad. Tha mi ’dol ’g an cur aon uair eile, agus tha mi ’guidhe ort gu ’n toir thu air a’ mhuir a bhith fabharach rium mar a rinn thu do Mhaois.” An uair a sguir an t-iasgair a dh’ urnuigh, chuir e na lin an ceathramh uair. An am dha ’bhith ’g an tarruinn gu tir dh’ fhairich e gu robh iad gle throm. Ach an aite eisg ’s e bh’ annta soitheach copair, a bha cho trom ’s gu ’n do shaoil leis gu ’n robh e lan de stuth fiachail air choireiginn. Thug e an aire gu robh an soitheach air a dhunadh le luaidhe, agus air a sheulachadh. Thug so toileachadh dha. “Reicidh mi e,” ars’ esan, “agus gheibh mi air a shon na cheannaicheas tomhas eorna.” Sheall e air an t-soitheach ma-thimchioll, agus chrath e e, feuch an robh dad ’na bhroinn a dheanadh fuaim; ach cha chuala e dad. Ach o ’n a bha ’n soitheach air a dhunadh le luaidhe agus air a sheulachadh, thuirt e ris fhein, gu ’m feumadh gu’n robh ni eiginn luachmhor ’na bhroinn. Thug e am mach an sgian as a phocaid, agus dh’ fhosgail e e. Chuir e a bheul fodha, ach cha d’ thainig dad as. Chuir so ioghnadh mor air. Chuir e ’na shuidhe e, agus anns a’ mhionaid thoisich ceo tiugh ri tighinn as, a thug air ceum no dha a thoirt air ais. Chaidh an ceo suas gu ruige na neoil, agus sgaoil e e-fhein ri cois a’ chladaich. Ghabh e ioghnadh mor an uair a chunnaic e so. An uair a chaidh an ceo gu leir am mach as an t soitheach, chruinnich e ri cheile, agus dh’ fhas e ’na mheall cruinn, tiugh, agus chaidh e ’na fhathach a bha anabarrach mor. An uair a chunnaic an t-iasgair cho mor s’ a bha e, agus an aognaidh a bh’ air, ghabh e eagal mor. Ach ged a bha toil aige teicheadh, cha robh de luths ann na chairicheadh as an ionad an robh e. Ghrad ghlaodh am fathach, “A Sholamh, a Sholamh, fhaidh mhoir, thoir dhomh mathanas. Cha chuir mi gu brath tuilleadh an aghaidh do thoile. Bidh mi umhail do d’ uile aitheantan.” An uair a chual an t-iasgair na briathran so ghlac e misneach, agus thuirt e ris, “A spioraid uaibhrich, ciod a tha thu ag radh? Tha corr is ochd ceud deug bliadhna o ’n a dh’ eug Solamh. Innis dhomh d’ eachdraidh, agus cia mar a thachair dhut a bhith air do dhruideadh a staigh anns an t-soitheach so.” Sheall am fathach air an iasgair le gruaim eagallaich, agus thuirt e, “Feumaidh tu bruidhinn riumsa ni ’s modhaile na sin; tha e gle dhana dhut a radh gur e spiorad uaibhreach a th’ annamsa.” “Ceart gu leor,” ars’ an t-iasgair, “an labhair mi riut ni ’s modhaile, agus an abair mi riut gur tu eun an fhortain?” “An cluinn thu so,” ars’ am fathach, “labhair riumsa ni ’s modhaile, ar neo marbhaidh mi thu.” “C’ar son a mharbhadh tu mi? Nach d’ thug mi dhut an drasda fhein do shaorsa, agus an do dhi-chuimhnich thu e mar tha?” Cha do dhi-chuimhnich mi idir e,” ars’ am fathach, “ach cha chum sin mi gu ’n do mharbhadh. Cha toir mi dhut ach aon fhabhar.” “Ciod e am fabhar ’tha sin,” ars’ an t-iasgair. “Bheir mi dhut do rogha doigh air do chur gu bas,” ars am fathach. Ach ciod e an doigh anns an d’ thug mi oilbheum dhut,” fhreagair an t-iasgair. “An e sin an duais a tha thu ’toirt dhomh air son na rinn mi de mhath dhut?” “Cha ’n urrainn domh ni ’s fhearr a dheanamh riut,” ars’ am fathich; “agus a chum so a dhearbhadh dhut, eisd ri mo naigheachd:— “Is mise aon de na spioradan eas-namhail a bha ’cur an aghaidh toil neimh. Bha na spioradan eile a’ toirt geill is umhlachd do Sholamh, am faidh mor. Bu mhise agus Sacar ’nar n-onar an dithis leis nach b’ fhiach gnothach cho suarach a dheanamh ri umhlachd a thoirt dha. A chum dioghaltas a dheanamh oirnn chuir Solamh, Asaph, mac Bharachiais, an t-ard chomhairleach, ga m’ ghlacadh-sa. An uair a ghlac e mi, thug e mi le ainneart an lathair na righ-chathrach. Thug Solamh, mac Dhaibhidh, ordugh teann dhomh an uair sin, mi ghrad sgur de ’n obair a bh’ agam, agus mi bhith umhail dha. Chuir mi gu laidir an aghaidh a bhith umhail dha, agus thuirt mi gu ’m b’ fhearr leam ’fhearg a chosnadh na striochdadh dha mar a bha e ’g iarraidh orm a dheanamh. Gu dioghaltas a dheanamh orm, chuir e anns an t-soitheach chopair so mi. Agus gus a bhith cinnteach nach fhaighinn as, dhuin e beul an t-soithich le luaidhe, agus, le a lamhan fhein, chuir e seula air an luaidhe air an robh ainm mor Dhe sgriobhte. Thug e an soitheach a dh’ aon de na fàthaich a bha umhail dha, agus dh’ aithn’ e dha a thilgeadh anns a’ chuan.” “Fad a’ cheud choig fichead bliadhna, mhionnaich mi, gu ’n deanainn anabarrach saoibhir duine sam bith a leigeadh as an t-saoitheach mi; ach chaidh na coig fichead bliadhna seachad, agus cha d’ thug duine sam bith fuasgladh dhomh. Re an dara ceud bliadhna thug mi mionnan, gu nochdainn far an robh uile ionmhas na talmhainn do neach sam bith a bheireadh dhomh saorsa; ach cha d’ fhuair mi saorsa ni bu mho. Re an treas ceud bliadhna gheall mi gu ’n deanainn righ cumhachdach de dhuine sam bith a bheireadh saorsa dhomh, agus gu ’m bithinn a ghnath dluth dha, agus gu ’n tugainn dha a h-uile latha tri nithean sam bith a dh’ iarradh e; ach chaidh an ceud bliadhna so seachad mar a chaidh an da cheud a bha rompa, agus bha mise far an robh mi roimhe. Mu dheireadh, air dhomh a bhith glan as mo chiall le feirg a chionn a bhith cho fad ann am priosan, mhionnaich mi, nan tachradh do dhuine sam bith ’na dheigh sin mo leigeadh as an t-soitheach, gu ’n cuirinn gu bas e gun trocair, agus nach deanainn a dh’ fhabhar ris ach gu ’n tugainn dha a rogha doigh bais a thaghadh e. Agus air an aobhar sin, o ’n a thug thusa saorsa dhomh an diugh, bheir mi dhut do rogha bas.” Rud nach b’ ioghnadh, chuir so eagal anabarrach air an iasgair. “Nach bu mhi ceann a’ chruaidh fhortain,” ars’ esan, “an [TD 243] [Vol. 5. No. 32. p. 3] uair a thainig mi an so idir a dheanamh math do dh’ aon a tha cho neo-thaingeil riut. Smaoinich, tha mi ’guidhe ort, air an eucoir a tha thu air thuar a dheanamh orm, agus na cum ri do mhionnan mi-reusanta. Thoir dhomh mathanas, agus bheir Dia mathanas dhutsa. Ma leigeas tu mo bheatha leamsa, gleidhidh Dia do bheatha dhutsa.” “Tha mi suidhichte air do chur gu bas; roghnaich an doigh bais a’s fhearr leat,” ars’ am fathach. An uair a chunnaic an t-iasgair gu ’n robh am fathach suidhichte air a chur gu bas, bha e fo thrioblaid-inntinn ro mhor, cha b’ ann uile gu leir air a shon fhein, ach air son a mhna ’s a thriuir chloinne. Rinn e caoidh mhor air son na trioblaid ’s na h-eise a bha ’bhas gus a thoirt orra. Dh’ fheuch e cho math ’s b’ urrainn da ris an fhathach a thoirt gu sith ’s gu ciuineas, agus thuirt e ris, “Och! ma ’s e do thoil e, gabh truas dhiom air sgath na h-obair mhath a rinn mi dhut.” “Dh’ innis mi dhut mar tha,” ars’ am fathach, “gur e sin a’ cheart aobhar air son am bheil mi ’dol g’ ad mharbhadh.” “Tha sin gle iongantach,” ars’ an t-iasgair; “am bheil thu suidhichte gu ’n d’ rinn mi math dhut? Tha ’n sean-fhacal ag radh, ‘Am fear a ni math do neach nach ’eil airidh, gu ’m bi e air dhroch phaigheadh.’ Tha mi ag aideachadh gu robh mi ’smaointean nach robh an sean-fhacal so fior; oir cha ’n aithne dhomh ni sam bith a’s fhaide an aghaidh reusain, no an aghaidh cleachdadh dhaoine cearta na e. Ach air a shon sin, tha mi nis a’ faicinn gu bheil e fior gu leor.” “Na bi ’cur seachad na h-uine,” ars’ am fathach; “cha chum do chuid bruidhne mise o dheanamh an ni a chuir mi romham. Greas ort; innis dhomh ciod e an doigh anns an fhearr leat am bas fhulang.” Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, thig innleachd ri aimbeirt. Thoisich an t-iasg air ri dhol fo ’smaointean feuch cia mar a bheireadh e an car as an fhathach; “O’n a dh’ fheumas mi am bàs fhulang,” ars’ esan ris an fhathach, “bidh mi umhail do thoil Neimh; ach mu ’n roghnaich mi an doigh air an cuirear gu bas mi, tha mi ’g ad mhionnachadh air an ainm mhor a bha sgriobhte air seula an fhaidh Solamh, mac Dhaibhidh, gu ’n toir thu freagairt fhirinneach do ’n cheisd a tha mi dol a chur ort.” (Ri leantuinn.) I Chalum-Chille. EARRANN II. Is tiamhaidh muladach na smuaintean a dhùisgear anns an inntinn ’nuair ghluaisaar tre nan làraichean aosmhor. Is firinneach a labhair esan aig an robh an cridhe gu so a thuigsinn, agus a’ chaìnnt a bu shnasmhoire gu ’chur an céill. “Bha sinn a nis,” a deir an t-Ollamh Sasunnach, “a seasamh air an eilean ainmeil sin, a b’ ard-lochran fad linntean do Ghàeltachd na h-Alba; as an d’ fhuair Cinnich fhiadhaich, agus ceatharna bhorb sochairean eòlais, agus beannachdan na saorsa. Cha bu chomasach, ged a dh’ fheuchta ris, an inntinn a thogail o na smuaintibh a dhùisg an t-àite so, agus b’ amaideach an oidheirp, ged a bhiodh e comasach. Ge b’e ni a thàirngeas sinn air falbh o chumhachd ar ceud faithean; ge b’e ni a bheir do na tha seachad o chian, no do na tha fathast ri tachairt, làmh-an-uachdar air na tha ’làthair, tha so ag àrdachadh ar n-inbhe mar bhithibh tuigseach. Gu ma fada uamsa agus o’m chàirdibh an fheallsanachd reòta a dh’ aomadh mi gu gluasad gu caoin-shuarach eutrom thairis air aon àite a dh’ fhàgadh urramaichte le gliocas, le fearalachd, no le maise. Cha chulaidh-fharmaid an duine sin nach mothaicheadh a ghràdh g’a dhùthaich air a neartachadh air bhlàr catha Mharathoin, no a chràbhadh a’ blàthachadh am measg làraichean briste Iona.” Agus co esan a bha riamh san àite so, agus aig an robh cridhe, nach do mhothaich so. Tha ’chuid is mo de na leachdaibh a nis gu dearbh air am folach fo’n ùir; ach tha gu leòr fathast ri fhaicinn chum gliocas a tharruing uatha. Chi sinn an oidheirp a a thug daoin’ uaibhreach gu an ainm a chumail sir chuimhne; ach, mo thruaighe! cha’n i ’n eachdraidh a tha air a deargadh air lic-lighe, a choisneas an clùi nach teid as, no a dh’ fhàgas an t-ainm neo-bhàsmhor: ’s iad na h-ionracain a mhàin a chumar ann an cuimhne shiorruidh. Is coma c’ait an càirear cuirp nan daoine sin, aig am bheil an ainm sgriobhta air nèamh; co dhiubh ’si ’n leac-lighe riomhach, no fòid ghorm a chuirear thairis orra. Feudaidh daoin’ an di-chuimhneachadh; ach bithidh iad ann an cuimhne shiorruidh fa chomhair Dhé. ’Se so a choisneas an cliù nach searg. Cha’n eil gach cuimhne thalmhaidh ach gearr: bithidh gach teanga a’ luaidheas ar cliù ann an latha no dhà balbh. Na litrichean a tha air an gearradh air a’ chloich is buaine, no air an deargadh le peann iaruinn air a charaig is maireannaiche, ann an linn no dha, cha bhi ann an comas na sùil a’s géire an leughadh: tuitidh an leac ’na smùr, agus fàilnichidh a chreag féin; ach cliù agus ainm nan naomh, a chaoidh cha chaochail. ’Nan luidhe sa’ chladh so, ’s cinnteach mi gu bheìl moran a bha suarach m’a chéile fhad ’s a bha iad beò; seadh, a bha a’ comhstri ’s a cath an aghaidh a chéile; cinn-fheadhna thréun, le’n ceatharnaich ghaisgeil, a sheas air an aon bhlàr-chatha, agus theagamh a thuit le claidheamh nan ceart dhaoin’ a tha nis nan luidhe san ùir r’an taobh. ’S i so, gu deimhinn, thubhairt mi, Tir na di-chuimhn’, far nach ’eil othail no stri. Ma bha leapaichean na h-uaighe riamh tosdach, sàmhach, ’s ann an uaigneas fàsail Iona! Tha lag a’s làidir, beag a’s mòr, Co’-shìnte ’n so la chéil’; Tha naimhdean sàmhach taobh ri taobh, Is luchd na comh-stri réidh. Co’-ionnan coidlidh iad air fad, Fo ghlasaibh teann a bhàis, Gu ’n uair a ghairmear iad le Dia, ’Na fhianuis là a’ bhràth. O chionn ioma linn bha n t-eìlean ainmeil so far an robh a choilion duine naomh, agus diadhair urramaichte, agus a cho’pàirtich solus an t-Soisgeil do dhùthchannaibh agus do rioghachdaibh eile, air ’fhàgail e féin gun eaglais, gun fhear-teagaisg suidhichte, no tigh-aoradh follaiseach, ged a tha àireamh mhor sluaigh a chòmhnuidh ann. Bu chianail an t-atharrachadh so do I, ’s bu neo-chliùiteach e ri aithris; ach tha linn a’s fearr a’ teachd mu’n cuairt. Tha e air ’innseadh gu’n dubhairt Calum-Cille, tamull beag roimh àm a bhàis, “I mo chridhe, I mo ghràidh, ’An àite guth Manaich bi’dh géum bà: Ach mun tig an saoghal gu crich, Bithidh I mar a bhà.” Thàinig a cheud chuid do’n fhàidhearachd gu h-eagnaidh mu’n cuairt, ach co dhiubh a bhios I gu bràth co urramaichte ’s a bhà i, tha e deacair a ràdh. Ann an atharrachadh an t-saoghail chaochlaidich so, co is urrainn innseadh ciod a dh’ fheudas tachairt; ach ge nach ’eil e ro-chosmhuil gu’m bi I gu bràth mar a bha i ann an linn Chalum-Chille; gidheadh, is sòlasach ri thoirt fainear gu bheil ’sa cheart àm so eaglais a ris ’ga togail ann an I, agus ann an ùine ghèarr gu’m bi neach a searmonachadh ann an I Chalum-Chille! ’Se dùrachd m’ anama gu’m bi esan, agus gach aon a tha saoithreachadh san obair cheudna, anns na cearnaibh gràdhach sin, ’nan giùlan cosmhuil ris-san air an d’ ainmicheadh an t-eilean so; air a lasadh le gràdh do Dhia, dileas do Chriosd, dùrachdach airson math anam. Nach mòr an t-aobhar taing a th’ againn leis an obair bheannaichte a tha nis a’ dol air aghaidh sa’ Ghàeltachd agus ann an Eileanaibh na h-Alba. Cha’n eil gleann tiorail no innis uaigneach anns nach bi fuarain fhionnar do uisge beò air am fosgladh. Air a shon so ni am fàsach gàirdeachas, agus bithidh lionmhoireachd nan eilean ait. Canaibh do ’n Tighearn òran nuadh; Air ’ainm biodh luadh ’s gach àit’; Air muir, air tir, ’an innsibh cian, Biodh moladh Dhé gu baàth. A chathair mhòr! is fhàsaich fhaoin! Molaibh araon ar Dia; ’Sa’ mhachair thugaibh moladh dha, ’S na bheil ’nur tàmh feadh shliabh. Seinnibh gach sluagh gu h-aon-sgeulach, Glòir ionmholt’ Dhé bhith-bhuain; ’S do’n chaithream aoibhinn agus throm, Co’-fhreagraidh fonn a’s cuan! —Leabhar nan Cnoc, 1834. Ma tha thu air son a bhi fada beò, dean do dhachaidh aìr an dùthaich. Gheibhear daoine ’s mnathan air an dùthaich a tha fada thairis air ceud bliadhna, ach ’s ann gle ainneamh a tha duine rinn a dhachaidh anns a bhaile o laithean òige, a ruigheachd ceithir fichead ’sa deich. [TD 244] [Vol. 5. No. 32. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, FEBRUARAIDH 13, 1897. Tha e coltach gu bheil Breatunn fad air deireadh air Canada a thaobh stuaime. Tha sinne ann an Canada a’ bruidhinn am bliadhna air cothrom a thoirt do ’n luchd-taghaidh air a cheist a fhreagairt “Am bi no nach bi creic na dibhe làidir air a bhacadh?” agus ’si bharail choitchionn gu ’n abair a mhor chuid gu ’m bi, agus ma their iad sin tha gealladh a Phriomhair againn gu ’m bi an lagh-bacaidh air a dheanamh gun dàil. Ach tha e coltach gu ’n ruith treis a dh’ uine mu ’n smaoinichear air a leithid sin anns an t-sean dùthaich. Cha ’n eil ach beagan bhliadhnaichean o’n chaidh Mr. Gladstone agus a phàirtidh a chur á dreuchd air son e dh’ fheuchainn ri beagan tuilleadh cise chur air deoch-làidir. Agus an la roimhe chaidh bill a thoirt fa chomhair na pàrlamaid air son na taighean-òil a chumail dùinte air la na Sàbaid, ach ’nuair a chaidh bhòtadh air, s’e seachd fichead ’sa naodh na thog an guth air a thaobh, agus bha da cheud ’sa naodh ’na aghaidh. Cha fad ’s is aithne dhuinn cha ’n eil mor-roinn an Canada ’sam bheil an lagh a’ ceadachadh do na taighean-òil a bhi fosgailte a Shàbaid ’sa sheachdain. Beagan bhliadhnaichean air ais cha robh e na ni ùr no annasach sam bith daoine chluinntinn ag radh gu ’m bu ghlic an ni do Chanada i-fhéin a sgaradh o Bhreatunn, agus a dhol a stigh ris na Stàitean, no cur suas air a laimh fhéin; ach an diugh cha chluinnear a bheag sam bith dhe ’n t-seòrsa bruidhne sin. Tha eachdraidh nam bliadhnaichean mu dheireadh a nochdadh gu soilleir nach biodh buannachd sam bith aig Canada ann a dhol an lùib nan Stàitean, agus gu ’m biodh e ’na chall mor dhi dealachadh ri Breatunn. Agus ’s ann a tha e nise ’fàs coltach gu ’m bi Canada agus Breatunn air an tarruinn na ’s dlùithe d’a chéile na bha iad riamh roimhe. Tha malairt eadar an da dhùthaich a sior dhol am meud gach bliadhna, tha Canada ro-luachmhor air iomadh dòigh an sùilean Bhreatuinn, agus fhad sa bhios Canada an ceangal ri Breatunn cha ’n eagal dhi ri àm cogaidh no sithe. ’S i bharail a th’ aig na daoine ’s glice ’s an dùthaich an diugh gur e ’n aon ni a’s fhearr do Chanada a dheanamh a bhi ann an dlùth-chàirdeas do Bhreatunn, mar bu dual ’s mar bu chòir. Tha ’n Glengarry News, paipear naigheachd a thatar a’ cur a mach ann an Alexandria, an Ontario, o chionn còrr us bliadhna a’ clo-bhualadh roinn mhath de Ghàilig. Tha mirean beaga de Ghàilig le eadar-theangachadh Beurla, anns gach àireamh, agus gu tric ’s ann á MAC-TALLA tha na mirean sin air an toirt. Tha so ro-fheumail dhaibhsan leis ’m bu mhiann Gàilig a leughadh, agus tha e iongantach mur eil àireamh mhor de Ghàidheil òga Ghlinngaraidh an diugh comasach air cainnt an dùthcha a leughadh gu fileanta. ’S aithne dhuinn co tha ris an deagh obair so, ged nach eil cead againn ’ainmeachadh, agus gu ma fada beò e. Tha bill air beulaobh pàrlamaid stàit Mhassachusetts an drasda air son còir a thoirt do na boirionnaich air bhòtadh cho math ris na firionnaich, agus tha e gle choltach gu ’n deanar lagh dheth. Faodaidh na fir a bhi ’bruidhinn an aghaidh bhi buileachadh nan sochairean so air na mnathan, ach cha ’n eil dad a’s cinntiche na gu faigh na mnathan, a lion beagan us beagan, gach sochair a tha ’n dràsda air am mealtuinn leis na fir. Agus carson noch fhaigheadh? Thusa tha air son moran naigheachdan fhaicinn ’sa MHAC-TALLA, nach biodh e ’na dheagh dhòigh dhuit, nuair a thachras dad neo-àbhaisteach ’nad choimhearsnachd, sgriobag bheag de litir a chur ugainn, ag innse na thachair agus ma a thachair e. ’S ann uair gle ainneamh a chuireas sinn cùl ri leithid sin, co-dhiu ’s ann an Gàilig no ’m Beurla tha e air a sgriobhadh, ma ’s e ’s gu bheil iad firinneach agus goirid. Tha ceannairc air bristeadh a mach ann an cearna de Bhrasil. Beagan bhliadhnaichean air ais, chuir sluagh na dùthcha sin air falbh Dom Pedro, an righ a bh’ aca fad còrr us tri fichead bliadhna, agus ghabh iad dòigh-riaghlaidh coltach ris mar a th’ aca ’s na Stàitean, ach cha mhor gu bheil bliadhna uaithe sin nach eil ceannairc anns an dùthaich. ’S olc an iomlaid a rinn iad. Bha Newfoundland o chionn còrr us seachdain air a chuartachadh leis an deigh mhoir. Fad sia no seachd a lathaichean cha robh innleachd aig soitheach air dol a mach no stigh á acarsaid St. John’s, ach Di-ciaduin s’a chaidh, ghluais an deigh a mach. Tha ’n deigh an deigh i fhèin a nochdadh ri Ceap Breatunn cuideachd. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air ’adhart 35c., no tri airson dolair. STOR UR TAILLEARACHD, Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair, MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 245] [Vol. 5. No. 32. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha dùil ri pàrlamaid Nobha Scotia a sgaoileadh air an fhicheadaibh latha dhe ’n mhios. Chaidh fear do ’m b’ ainm Smith, Sasunnach, a mharbhadh ann an àite ris an canar White Oak, an Ontario, air an t-seachdain s’a chaidh, le craobh a thuiteam air. Thatar a glacadh moran truisg troimh ’n deigh ait lochan a Bhras d’ Oir air a gheamhradh so. Gheibhear pris mhath air an iasg anns na bailtean agur air feadh na dùthcha. Bhatar a taghadh fheara-pàrlamaid ann an tri siorrachdan an Ontario Dior-daoin s’a chaidh, am Brant a Deas, an Ontario Tuath, agus an Simcoe an Iar. Fhuair na liberals a stigh am Brant ’s an Ontario, agus conservative ann an Simcoe. Tha paipear ann am Moncton, N. B., ag radh gu ’n d’ thug moran de na fianuisean a bha air taobh Shullivan, mionnan-eithich aig a chùirt feuch am b’ urrainn daibh a shaoradh. Ma tha sin fior. cha bu chòir an leigeadh as gun am peanaisteachadh. Fhir nach do phàigh, am bheil thu dol a dheanamh do dhleasanais? Ma tha, greas ort. Tha ’n dàil a tha thu cur ’s a chùis a’ deanamh iomadh cron nach saail thu. Dean do dhleasanas; thoir lamh air do sporan ’s abair riut fhein, “Ma tha dith no deireas gu bhi air MAC-TALLA, cha bhi dad dhe ’n choire agamsa,” agus cuir air adhart na th’ agad ri phaigheadh. O chionn treis a bhliadhnaichean, leis cho aotrom ’sa bha ’m bàrr air an taobh eile dhe ’n eilean, bha na muillean bleith cha mhor gu buileach ’nan tàmh, ach air a gheamhradh so tha iad gu math trang. Bha an corca ’s gach seòrsa eile glé phailt, agus thatar a deanamh moran mine us flùir anns an dùthaich, barrachd ’sa chaidh a dheanamh innte o chionn iomadh bliadhna. Bha ionnsuidh air a thoirt le luchd-lagha Bhram ann am Boston, air son cùirt ùr a shuidheachadh gus fheuchainn, a’ deanamh a mach nach d’ fhuair e ceartas aig a chùirt a dhit e. Ach cha ’n eil an t-sochair sin ri bhi air a thoirt dha idir. Rinneadh a mach gu ’n d’ fhuair e gach ceartas a dh’ iarradh e, agus cha ’n eil a nise ri bhi air a dheanamh d’a thaobh ach binn a bhàis a thoirt a mach. Tha ’n Dotair Nansen ag radh nach eil roimhe ’n tuilleadh oidhearp a thoirt air ceann a tuath an t-saoghail a ruigheachd. Tha e coltach gu ’n d’ fhuair e a leòr dhe ’n taobh tuath, agus nach eil toil aige nochdadh ris tuilleadh. Fhuair e na b’ fhaisge air a cheann-uidhe na fhuair duine riamh roimhe, ach tha e nise toileach leigeadh le cuideigin eile dhol na ’s fhaide na chaidh esan. Tha e an dràsda an Lunnainn; tha e ’n deigh leabhar a chur a mach m’a thurus do ’n fhuar-thir, agus tha e deanamh moran airgeid air. Tha duine ann am baile Halifax an dràsda a tha ’gabhail air gu ’n teid aige air daoine leigheas o gach eucail a bhios a cur orra le “creideamh.” Cha ’n eil aig duine bhios air son leigheas fhaotainn ach creidsinn agus bidh e slàn. ’S e ’s ainm do ’n duine so, Sylvester Domhnullach, agus ’s ann a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa tha e. A reir a sgeòil fhéin tha aona bliadhn’ deug o’n thug aingeal àithne dha e dhol a mach a leigheas dhaoine, ach an toiseach cha robh e umhail, agus cha d’ thug e ionnsuidh air leigheas a dheanamh gus an d’ fhuair e rabhadh uair us uair o’n teachdaire cheudna. Bha e fad àireamh bhliadhnaichean a’ bearradaireachd ann a’ Halifacs, ach toiseach a’ gheamhraidh so, leig e a’ cheaird sin uaithe, agus o’n uaìr sin cha ’n eil e ’gabhail gnothuich ri dad ach leigheas a mhàin. Chaidh fear Calum Mac Fhionghain a ghoirteachadh gu dona ann am mèinn Chaledonia a sheachdain gus an diugh. Bha crith-thalmhainn aca ann an Stàit Mhaine air an t-seachdain s’a chaidh a chrith na dorsan ’s na h-uinneagan anns na taighean, ach cha d’ rinneadh call sam bith leatha. Tha fios á Manitoba ag innse gu bheil an t-uisge ann an Loch Winnipeg anabarrach àrd, agus gu bheil eagal air muinntir a bhaile gu bheil i dol a chur tuil air am muin ’nuair a thig aiteamhan an earraich. Chaidh stòr a bhuineadh do A. Kirk & Co., a losgadh ann an St. Andrew’s, an siorrachd Antigonish, ’sa mhaduinn Di-dònaich s’a chaidh. B’ fhiach an stòr ’s na bha ’na broinn ochd mile dolair. Bha ceithir mile dolair de dh’ airgead-urrais orra. Tha Sir Herbert Murray, Riaghladair Newfoundland, a nise ann an Canada, ’s e air a thurus gu Ottawa. Thatar ag radh gu bheil coinneamh gu bhi aige fhéin ’s aig Riaghladh Chanada feuch ciod an còrdadh a ghabhas deanamh a thaobh Newfoundland aonadh ri Canada. Thatar a’ cur cruinn airgeid anns a’ bhaile air son cuideachadh leis an t-sluagh bhochd anns na h-Innsean. A bharrachd air na thatar a’ cur cruinn air dòigh eile, tha na h-eaglaisean a’ deanamh na dh’ fhaodas iad. Cha ’n eil teagamh againn nach teid suim mhath a chur cruinn anns a’ bhaile ’s air an dùthaich cuideachd. Tha luchd-riaghlaidh nan sgoilean ann a Halifacs air son sgoil-chòcaireachd a chur air chois, agus tha iad an deigh coig ceud dolair a chur air leth air son tòiseachadh. O nach dean daoine ’n gnothuch gun bhiadh, bu chòir dhaibh fhaicinn gu ’m biodh e air a dheagh dheasachadh. Cha ’n eil teagamh nach lean bailtean eile an ceumannaibh Halifacs an ùine gun bhi fada. Tha ceud mile sluaigh ’nan eiginn ann an Stàit Louisiana air tàilleabh na tiormachd a bh’ anns an dùthaich an uiridh. Loisg an tiormachd gach ni a bha fàs anns an stàit sin, air chor ’s nach eil a nise dòigh aig an t-sluagh air a bhi beò mur deanar cuideachadh a chur g’ an ionnsuidh le muinntir eile. Ach tha na Stàitean beairteach, agus cha ’n teagamh nach dean iad cobhair orra gun dail. Tha soitheach-smùide do ’m b’ ainm State of Georgia air chall o chionn treis a dh’ ùine, agus thatar a’ deanamh a mach gu ’n deach a call faisg air cladach Newfoundland. Chunnacas soitheach ’na h-éiginn ann an sin o chionn ghoirid le sgiob iasgairean. Bha aon duine deug air fhichead air bòrd an State of Georgia; bhuineadh iad uile do Obaraidhean, an Alba. Tha e ro-choltach gu ’n deach an soitheach ’s na bh’ air bòrd do ’n ghrunnd. ’N uair a chaidh Nobha Scotia maille ris na mor-roinnean eile a stigh do cho-fhlaitheachd Chanada, bha àireamh mhor de stampaichean litreach air Riaghladh na mor-roinn so, agus o’n thainig stampaichean Chanada a mach air ball, cha robh ’n còrr feum orra, agus bha iad air an tilgeadh air cùil ann an Ottawa nar ni nach b’ fhiach. Ach o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, thòisich daoine air cruinneachadh sheann stampaichean, agus bha stampaichean Nobha Scotia a measg chach, a faotainn deagh phris. Chuir so cuideachd cheannaichean air lorg na bha ann an Ottawa, agus ’se bh’ ann gu ’n do cheannaich iad an t-iomlan, a pàigheadh ochd mile deug dolair air an son. Tha mor-roinn Nobha Scotia mar sin an deigh suim mhor aigeid fhaotainn á àite as nach robh dùil ri sgillinn fhaotainn. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rum a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 246] [Vol. 5. No. 32. p. 6] Sgiala Muladach. Air an latha mu dheireadh do Ianuari anns a bhliadhna 1820, dh’fhalbh còmhlan pòsaidh eireachdail á Maliger air an Taobh-Sear do Thròtairnis ’san Eilean Sgithanach, do Cheannsaleire. B’e Aonghas mac-Chalum-òig fear-na-bainnse, (b’ i sin a bhanais mhuladach) agus piuthar do Dhomhnull-Bàn-òg bean na bainnse. B’e “Lachluinn Mhairaseadar” am fear coimhideachd; cha’n eil cuimhn’ agam air ainm na bean-choimhideachd, ach bha Domhnull-Ban-òg ’sa chuideachd. Thionndaidh an latha mach fiadhaich le flin us uisge nach fhacas a shamhail fad iomadh bliadhna. ’Nuair a chaidh am posadh a dheanamh, chuir na laoich an aghaidh dhachaidh; chuir iad rompa air monadh an Taobh-Sear gus an do thearn iad Bealach Uige. Anns a mhonadh mu mhile gu leth o’n dachaidh, aig ceann tnath Loch Thoreasgil dh’fhàs fear-na-bainnse ao thinn, ’s cha b’ urrainn e dol na b’ fhaide. Thug na fir a chomhairl’ air na boirionnaich cumail rompa dhachaidh, ’s dh’fhan an dithis fhear maille ris an duine thinn. M’a mheadhon oidhche chaochail Aonghas, agus chuir Dòmhnull-Bàn air falbh Lachluinn a dh’iarraidh dhaoine, ach mo thruaighe cha d’ rainig iad. Dh’fhan Domhnull aig a chorp gu bial an latha, ’s e mar ionadh nach do bhàsaich e fhéin. Rainig e Mailigir ’s bha na boirionnaich an sin ach cha’n fhac iad Lachluinn. Chaidh e ’n sin do Mhairaseadar ach, mo thruaighe, cha robh e ’n sin. Fhuaradh marbh e. Cha robh e cairteal a mhile o’n chorp eile. Innsidh an da chàrn far an robh iad gus an latha ’n diugh. Bha naodhnar bhràithrean an teaghlach Mhairaseadar, ach cha robh aon dhiu cho maiseach ri Lachluinn. Chuala mi moran ag radh nach robh Gàidheal ’an Alba cho laidir ’s cho dreachmhor ris; cha robh a bhràthair Martuinn Mor na dhuine faisg cho làidir ris. Cha robh e ach fichead bliadhna dh’ aois. Nise b’e Domhnull-Bàn-òg, mar a thuirt mi, brathair bean-na-bainnse—athair Ruairi ’Ic Leòid—agus seanair an Urr. D. B. Mac Leòid á ceann Orwell ’san eilean so. B’ eòlach mis air Domhnull còir; b’ iomadh duine bochd us beairteach a ghabh tràth aig a bhòrd. Phòs a bhanntrach òg a rithist: tha dithis mhac dhi air an eilean so ’nan daoine measail—Dr. Ruairi Mac Neill agus an t-Urr. Domhnull Mac Neill. Rinn am Bàrd Seathach òran tiamhaidh do’n ni thachair; cha’n eil e agam uile, ach bheir mi dhuibh na rainn a leanas.— AIR FONN “Tha ’n oidhche seo le h-aighearachd.” Is an am mios na faoilleach Fhuair mi sgeul nach faoin ri luaidh; Mar tha clann nan daoine Cho caochlaideach ’nan tuar: ’Nuair tha cuid dhiu smaoineachadh Gu faigh iad saoghal buan, ’S a liuthad cùrsa mhillidh Tha g’ an giorrachadh gu uaigh. ’N taobh an ear a Thròtarnis A dh’ fhalbh an còmhlan grinn, Is ann a dh’ ionnsaidh pòsaidh Mar th’ air òrdachadh ’s gach linn; Bha uisge mor us ceò aca ’Nuair thai’ne neòil na h-oidhch’, ’S bhàsaich dithis còmhladh dhiu A dh’fhuasgail deòir ’us caoidh. Tha clann Ic Ille-Mhàrtuinn Air an lot mar tha gu trom Cha’n eil aobhar gàir’ ac’. Thuit a bhearna gu làr lom, A chraobh a b’ àille blàth A bh’ anns a ghàrrdh air a bonn, Sgathadh sios cho tràth i, ’S dh’aithnich càch gu’n d’rinn sin toll. Tha ’n teaghlach air fàs tan’ ac’ Ann a Mairaseadar thall; Is e bhi ’g ionndrain Lachluinn A chuir iomadh rasg gu call; Sgeula nach bu mhath leo ’Gad ’chur a mach roimh ’n àm Bu tlachd ar cinneadh d’ athar Bhi gad’ amharc air an ceann. Tha do mhàthair airtnealach, Tha h-astar air fàs mall; ’S tric deòir a’ ruith o ’rasgaibh, Oir tha ’taice ’n diugh air chall, A’ cuimhneachadh ’ur cleachdaidhean O’n dh’altrum i a chlann, ’S gun dh’atharrrich iad cairtealan Mu’n ghlasaich air an ceann. Nise na’m faigheadh am MAC-TALLA neach thall no bhos a bheireadh a chuid eile dhe’n òran dhuinn, bhitheamaid na chomain. MURCHA CAM. Bail’ an Tobair, E. P. I. Bho Ghille ’Ghobha. “’S ge h-iomadh canan, O linn Bhabel fhuair A’ sliochd sin Adhamh, ’S i Ghailig a thug buaidh.” ’S fior so, oir ann an aois ’sam pailteas tha i air toiseach air gach canan. Ach cha ’n e so eadhon ’tha ’ga ’r fagal cho deidheil oirre. ’S i a bh’ aig ar sinnsearachd ann an Tir nam Beann, agus a dh’ ionnsaich ar màthraichean dhuinn an uair a bha sinn na ’r maothrain fo ’n sgeith. Leis a’ sin ’s coir dhuinn gach urram a’ nochdadh dhi. Cha ’n eil moran ùine agamsa air Gàilig a sgriobhadh; ’s cha sgoilear mi. Tha mi gach maduinn air mo ghairm do ’n cheardaich mu ’n tachais a’ mhuc i fhein. Bidh tuagh neo amall, geinn neo slabhraidh, ri chàradh. Bith failire ri cruidheadh aig fleasgach a tha na chabhaig chruaidh; agus ma fheudte gur a th’ ann air toir searrag uisge beatha ’tha e ’dol airson a ribheid a ghleusadh gu briodal ri ’leannan. Ged nach faighainnsa uin’ air mo shron a sheideadh fo mhaduinn gu h-oidhche, cha ’n fhaod uireas a bhi orrasan. Cha ’n eil do sholas agam ach ’nuair ’thìg Domhull Og a steach. ’S fior Ghaidheal Domhull, ’s daonnan cuiridh e failte chridheil orm ’sa chanan bhlasda sin. Tha e na leubhadair math Gailig, agus tha speis mhor aige do ’n MHAC-TALLA. Dh’ innis e dhomh an de mar a chuir Domhull an t-eagal air Mairi, agus bheir mi dhiubh e: Bha Domhull na ghille sunndach, cridheil, ’s bu tric leis oidhche ’chur seachad ri mànran ’s aighear maille ri comunn mireagach gun chaogadh air a shùil, ged a bhitheadh e meirgeach a’la’r-na-mhaireach. An deigh oidhche dhiubh so ’chur seachad thainig air dol a rathad a bha Mairi. Bha ise na leith sheana bhoirionnach a’ cumail taighe, am bicheantas na h-aonar, ann an aite uaigneach mu mhile fo thigh, agus e air a chuartachadh le coille. Feumar innse gu robh i, mar a tha, ’sa bha, iomad maighdean urramach, gealltach. Bha i ’n droch rùn do choigrich, agus bhiodh baothaire ro-fhaisg oirre na ’m biodh e idir ’s an sgireachd. Rainig Domhull, ’s chaidh e ’steach. Bha gach ni gu dòigheil: an t-ùnnlar air a sguabadh, gealbhan bòidheach ’s an luidhear, ’s na leapannan air an càradh àrd; ach cha robh sgeul air Mairi. Bha i a’ bleodhan a’ chruidh. Be so “cothrom Lachuinn aìr a’ reithe” le Domhull, agus ghabh e e. Shin e e-fhein ’s an leabaidh, tharruinn e ’ad thairis air a shùilean, agus ann an ùine ghearr bha e na throm-chadal. ’Nuair a ’rainig Mairi an tigh, stad i gu grad oir dh’ fhairich i srann oillteil a’ stigh roimpe. Chrith i le eagal oir bha neach eigin a steach, agus cha robh teagamh nach robh e gorach. Dh’ amhairc i troi sgar ’s chunnaic i a’ fleasgach so gu dana na leabaidh. Dh’ fhag i ’m bainne sid ’as ghreas i do ’n tigh a b’ fhaisg oirre airson cuideachadh fhaighinn gus an trusdar a chur air falbh, oir ghoideadh e gach ni ’bha stigh. Thill i le feachd bhoirionnach, gach aon air a h-armachadh le cuaille mor. Ach gu mi-fhortanach do Mhairi bha Domhull air dusgadh agus e gu h-aoidheil a’ gabhal toit. Bu mhor an t-ioghnadh leis a ghruaim bhagarach a bh’ air Mairi, agus a sgiamh a bh’ an gnuis chaich. Dh’ innis e mar thachair da, ach gus an la ’n diugh cha do chreid Mairi nach e te do chuilbheartan Dhomhuill a bha so. Frith Bhaile ’Chaochain, Feb., 8, ’97. A’ Tubhadh a Thaighe Fhein. Tha duin-uasal àraidh ag innse sgeul mu dhuine a bha aon oidhche gle anmoch anns an tigh-òil, agus a chuala bean an òsdair ag radh ri ’céile, “Thoir air an duin’ ud a dhol dhachaidh; tha e fàs anmoch.” “Leig leis,” ars an t-òsdair, “’se fear dhe ’n fheadhain a tha tubhadh an taighe dhuinn.” Rinn na briathran sin greim air inntinn a’ mhisgeir bhochd, agus cha d’ thainig e ’n còir an taigh-òil fad shia miosan. Aon latha thachair an t-osdair air, agus ’dh’ fheòraich e dheth car son nach robh e taghal a thaighe mar a b’ àbhaist, agus ag iarraidh air tighinn a rithist. “Moran taing dhuit,” arsa ’m fear a bha roimhe ’na mhisgeir, “cha ’n urrainn domh tighinn. Tha mi aig an àm so a’ tubhadh mo thaighe fhéin.” Tha doimhneachd uamhasach anns a chuan Atlantach eadar Africa ’s na h-Innsean an Iar. Tha aiteachan ann a tha 19,000 troigh a dhoimhnead; dh’ fhaodte a bheinn a’s àirde ’s an Roinn-Eorpa a chur fodh’ ann. [TD 247] [Vol. 5. No. 32. p. 7] An Comunn Gaidhealach agus a Ghailig. Tha sinn a toirt na litreach a’ leanas as a Highland News. Cha do leugh sinn am freagairt a thugadh air ceud litir “Chabar-Feidh,” ach tha e soilleir nach eil an Comunn Gaidhealach idir cho Gàidhealach ’sa dh’ fhaodadh e bhi. Cha ’n eil teagamh co-dhiu nach dean an connsachadh a tha ’n so feum nach beag do ’n Ghàilig agus d’a teagasg anns na sgoilean. FHIR-DEASACHAIDH,—Tha mi ’faicinn nach d’ rinn mi soilleir do “C. M. P.” an ni a bha nam bheachd nuair a sgriobh mi thugaibh o chionn seachduin no dha. Roimh dhomh oidhirp eile ’thoirt air so a dheanamh faodaidh mi radh gur duilich leam a bhi ’faicinn an spioraid a tha e ’taisbeanadh nuair tha e ag radh gu sgeigeil “gur ioghnadh leis gu ’n do shoirbhich an Comunn Gaidhealach as m’ eugmhais.” Saoil sibh an i cainnt de ’n t-seorsa so a tharruingeas cairdean a dh’ ionnsaidh a’ chomuinn? Tha e ag radh gur i a dhoigh-san—“a lion beagan ’us beagan mar a dh’ith an cat an sgadan”—ach ’s e a b’ aobhar do mo ghearan-sa nach robh am beagan fein ri fhaicinn. Ged bu mhath leam-sa na gnothaichean gu leir fhaicinn air an giulan air an aghaidh anns a’ Ghàidhlig, cha ’n ’eil mi cho aineolach air nithe de ’n t-seorsa sin ’s nach ’eil fhios agam nach urrainnear sin a dheanamh fhathast, ach is cinnteach gu ’m faodadh rian a bhi air a dheanamh air “beagan” de ar cainnt a chleachdadh, ged nach bitheadh ann ach oraid o ’n cheannsuidhe. Is aithne dhomhsa an Lighich Mac Griogair agus cha chreid mi gu ’m bitheadh idir urrad a dh’ eagal air roimh luchd na sgeigearachd ’s a tha air “C. M. P.” Cha do chuir mi a’ cheisd ri “C. M. P.” co-dhiu a tha e-fein no mise comasach air a bhi ’nar fir-riaghlaidh air a’ Mhòd. Faodaidh gach fear dhinn a bheachd fein a bhi aige mu ’n chùis sin, ach is cinnteach nach d’ thainig an latha sin fhathast air a’ Ghaidhealtachd nach ’eil duine-uasal ri fhaotainn eadar a da cheann is urrainn cainnt a dhùthcha a chleachdadh anns an dreuchd urramach so le cliù dha-fein ’us dhi-se. Tha “C. M. P.” ag radh nach robh buill a’ chomuinn lionmhor aig àm air bith. Faodaidh gu ’m bheil aobhair airson sin. Cha luaithe ’chuala mise gu robh an comunn gu bhi air a chur air chois na ’chuir mi m’ ainm agus m’ airgead a dh’ ionnsaidh an rùn-chleirich, agus ann am paipeir a sgriobh mi airson a chiad mhòid thug mi comhairle no dha seachad a dh’ fhaodadh a bhi feumail do ’n chomunn na ’n robh suim sam bith air a gabhail diubh. Ach fhad ’s nach do ghluais am Mòd as an Oban, agus fhad ’s a bha duine-uasal na cheann-suidhe air aig nach eolas air ar cainnt, bha e soilleir domh nach tigeadh e gu moran feum. Tha cùisean air an atharrachadh ann an tomhas a nis, agus is e sin is coireach gu ’m bheil ni-eigin de dhòchas agam as a leth. Tha “C. M. P.” ag aideachadh gu robh an Comunn air tùs de ’n aon bheachd rium-sa mu dheidhinn teagasg na Gaidhlig anns na sgoilibh. Ciod, mata, a thug orra am barail atharrachadh? An e nach robh an leabhar a chuir iad-fein a mach freagarrach? Tha mise coma de an leabhar a bhitheas air a chleachdadh fhad ’s a dh’ ionnsaicheas a chlann a’ chainnt a labhairt, a leughadh, agus a sgriobhadh. Tha àireamh àraidh a dol troimh lamhan an fhir-cheasnachaidh cheana, agus is e tha uam-sa gu ’m bitheadh an àireamh so gu mor air a meudachadh. Ma ni an “Treoraiche” aig “C. M. P.” so ni ’s fhurasda cha ’n ’eil neach sam bith a bhitheas ni ’s toilichte fhaicinn na mise. Cha ’n e mo rùn an dràsd a bhi deasbaireachd ciod an dòigh is fearr air a’ chainnt ionnsachadh—gun ghrammair no le grammair—no co-dhiu is fearr leabhar Mhic Pharlain no fear Mhic Ill-Iosa. Tha cunnart ann gu ’m beil sinn a caitheadh cus ùine air cùisean de ’n t-seorsa so an aite a bhi ’deanamh oibre tharbhaich airson ar cainnt agus ar dùthcha. Tha mi an dòchas gu ’n tuig “C. M. P.” a nise ciod a bha ’nam bheachd nuair a dh’ iarr mi oirbh-se, Fhir-deasachaidh, an tional so a dheanamh airson nam maighistearan-sgoile, agus gu ’n cuidich e leibh anns a’ ghnothach. Is mise bhur caraid, CABAR-FEIDH. Lunnainn, 6, 1, ’97. Tha MAC-TALLA fada ’n comain nan càirdean a tha bho àm gu àm a’ cur phaipearan-naigheachd uige á caochladh chearnan de ’n t-saoghal. Tha iad mar sin gu tric a’ deanamh cuideachadh nach beag leinn, agus tha sinn gle thaingeil dhaibh. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. “Eagle Parlor” Matches Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe. Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, MONTREAL, TORONTO. [TD 248] [Vol. 5. No. 32. p. 8] Bean Bhochd ann am Manitoba. LE EACHANN N. MACILLEATHAIN. AIR FONN: Horo tha mi muladach. Is mise th’ air mo leònadh ’An duthaich Mhanitoba, ’G am chiùrradh leis an lòinidh ’Us deud mo bheòil air fuasgladh. Tha ’m fuachd cho mòr ’s an dùthaich so ’S nach d’ fhàg e neart no lùths annam, Oir ged tha ’n fhiarag dùbailte Gu ’n d’ reothadh cùl mo chluasan. Tha madaidh-alluidh gharga Mar ghainneamh tràigh na fairge A’ donnalaich ’s an anmoch ’Cur farbhas oirnn ’us uamhas. Tha Innseanaich ro-iargalt’ Gach oidhch’ us là ’cur fiamh oirnn; Cho dubh ri sùith tha ’m bian ac ’S cha chuir an siopunn snuadh air. Tha ’ghaoth cho cruaidh ’nuair shéideas i Cha ’n fhàg i brat no bréid againn, Bidh ’n darach cruaidh a’ géilleadh dh’i ’S an tigh gu léir a’ luasgadh. Bidh dealanaich ’us tàirneanaich A’ bualadh bhuar ’us chapullan, A’ bùrach tholl ’us làraichean ’S a’ truiseadh bàrr nan cluaintean. Bidh falaisgean ro-eagalach A’ losgadh feòir ’us phreasaichean S gur gann a gheibheadh teicheadh as O ’n teas, an t-each a’s luaithe, Bidh nathraichean glas lùbach Fo bhonn ar cas ’g am phùcadh, Mar chudaigean cho siùbhlach ’Nuair bhios an liùth ’g an ruagadh. Tha cuileagan cho lìonmhor ann Cha ’n fhàg iad bàrr no biadh againn; ’Nuair thig am blàths bidh ceudan dhiu A sàs gu dian ’am ghruaidhean. An uair thig teas an t-samhraidh oirnn Cha ’n fhàg e càil no sannt againn; Cha ’n iarr sinn biadh no annlann ’S gur gann a nì sinn gluasad. ’S e b’ annsa leam bhi ’n dràsda ’An tir nam beanntan àrda ’An Caragraich nan sàr laoch Nach deanadh tair air truaghan. Gidheadh tha agam càirdeas Nach ceannaich òr na ban-righ: Cha toir am bròn am bàs dhomh Is Niall Iain Bhàin cho suairce. Am Millenium. Tha Mìle na Sàmhchair A nis air teachd oirnn; Iubilé na Slainte Ri tigh’nn am faisg oirnn, ’S am bi glòir an Ard-Righ A’ còmhdachadh gach cearna, ’S a lionadh gach tìr fhàsail A bha gun taisbean; ’S lionaidh gràsan pailte ’N crìdh’ le gràdh ro laiste, A seinn gu binn na’n dannsadh, Air cliù saor ghràis le h-aiteas. ’S theid gach crìdh’ ’bha calma Gu dealbh gach droch-bheirt A sgoltadh na sgealban Gu anma chosnadh, ’S leaghar iad le h-aithreachas, ’S le gaol do ’n Uan a mharbhadh, A dhòirt dhoibh ’fhuil gu ’n tean’eadh Bho’n fheirg bha goirt dha; ’S cuiridh e gu socair Ioc-shlainte ri ’n lotaibh, Ghlanas iad o’n salchar, A bha ro shearbh r’a nochdadh. ’S cha bhi sannt no farmad Nach teid a dhochann; ’S cha chluinnear fear feargach A bhios ri trodan; ’S theid an fhèin’ na ’balbhan, ’S cha’n éisdear r’ a cuid ana-ghlòir, Oir gheibh i buile mharbhteach, Bheir searg’ is clos oirr’; ’S theid gach àrdan ’s sodal Suas, le tàir, a chrochadh; Sgriosar gaoid gach ana-meinn, Is cealg theid a throimh-lotadh. ’S bidh bilean nam balbhan An sin ga ’m fosgladh, ’S le ’n teangaibh binne labhrar, Gun cheilg na ’m focal; Ni gach aon diubh searmoin, Le spiorad na h-ath-ghinmhinn, Le ’n dùisgear suas na marbhaibh, ’Bha seargt’ air grodadh; Eiridh bacaich bhochda, ’S crioplaich air an cosaibh, ’S leumaidh iad le h-aoibhneas, Ri fuaim ro bhinn an t-Soisgeil. ’N uair chluicheas na leanaban Ri toll na nathrach, Bidh gach aon diubh ’sealbhachadh Dearbh-bheachd anaim; Ban-rìghrean lan orcheis, Ag altrum clann ath-ghinminn, ’S gach rìgh na oide-tèruuinn, Neo-fheargach, tairis; ’S bidh aonachd co-cheangailt’, Measg gach tréubh is teangaidh, ’S bidh Iudhaich is Gréugaich Na ’n treud aig aon mhainnir. Cha bhi rìgh no prionnsa No Diùc air thalamh, Nach bi ’seinn ’s ag ùrnaigh, ’S mar thùis bidh ’n anail; ’S riaghlairean ’s gach dùthaich, Gu sìochainteach, làn ciùine; ’S gach searmonaich ’s a’ chùbaid, Fo dhrùchd nam beannachd; ’S ìochdarain gu ceanalt’, Riaghailteach, gun charraid, ’G altrum an fhìor-chùraim, Le tlachd is dùrachd anaim. Cha bhi cuirp na anman Ann an ainnis; Bidh beannachdan aimsireil Ann gun ghainne; Bidh toraidhean na talmhainn Ni ’s pailte gu ro shaibhir, ’S bidh gach gleann is garbhlach Lan arbhair falaicht’; Sruthaidh mil o ’n charraig, ’S a làn fìon’ ’s an dabhaich, ’S cha bhi buar air sléibhtean, No tréud, nach toir am bainne. Bidh ola á croinn ùrail Bhios cubhraidh, fallain; Fìgean is glan sùgh, Ubhlan is pom’granait; ’S cruithneachd bhios ro shòghmhor, ’S spìosraidh is glan bòltrach, ’S gach nì bhios math gu lòn doibh, ’S gun chòmhdach thairis; Teichidh gruaim is gearan, ’S cha bhi luaidh air aimbeirt, ’S cha bhi miann no cìocras Nach riaraichear le beannachd. BEAG ACH MOR Is beag an ni botul de K. D. C. a thaobh meudachd, ach ’nuair a ghabhas tu na bhios ann air son tinneas-stamaig, chi thu cho mor ’sa tha e. IS E LEIGHSEAS GACH SEORSA DE THINNEASAN-STAMAIG. Tha daoine mora agus matha America ’g a mholadh, oir chuir iad deuchainn air. Na’m biodh botull dolair de K. D. C. air a dheanamh ’na stuth tana lionadh e càrt: mar sin tha e math agus tha moran ann dheth. Cuir a dh’ iarruidh sampuill. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air tinneasan cuim. K. D. C. COMPANY, Limited, New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95 [TD 249] [Vol. 5. No. 33. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 20, 1897. No. 33. A Cheist, Iain. LUINNEAG. A cheist, Iain, teann rium fhin, ’S na bi strìth ri h-aimideachd; Féumaidh mnathan uaisle tì, ’S gur goirt an cìnn mur faigh iad i. Tiùndaidh rium, ceart-léugh a chòir, Tha mise deònach teannadh riut; ’S ma ’s olc no math a bhios mo dhòigh, Cha chluinn na h-eòlaich gearan uam. Cha ’n iarr mi siucar, no tì, Sròl no sìod’ a cheannach dhomh, ’S i obair mo dha laimhe fhìn A’s cìnntiche mi ’leanailt rium. Gabh thus’, Iain, am mor-làn Mar phàtaran, ’s cha ’n aireach leat, Air fhad ’s gan éirich e an àird’, Gum faic thu ’n tràigh an eal’achd ann. Sin mar bhitheas luchd na stràic, Le ’n curraichdean àrd ’s le ’n cailico, Nì ’m pòsadh bochd an toirt gu làr Mar shneachda bàn na gaillinne. An riomhadh cheannaicheas iad gu daor, ’S an saoghal, bheir an car asda; Bi’dh gùn ’us gùn ’ga chur m’ a sgaoil Gu h-aodach do na cailleagan. Ged a théid iad chun na féill’, ’S gur gann duit té dhiubh aineachadh, Gun searg iad as mar ròs air ghéig, Ri teas na gréin a dh’ fhannaicheas. Cadal féumaidh iad ’us tàmh, Cha bhi iad slàn mur faigh iad e; Cha ghearain té dhiubh thu bhi d’ thràill,— Gur dòch i tair ’us fanaid ort. Gun sloinn i suas, o bhun gu géig, An tréubh o’n d’ rinn i failleineadh, ’Gad chur-sa sios mar mhith gun bheus— ’S gur mairg bheir speis mar leannan d’ i. An uaisle bhochd gun chas, gun làmh— Tha ’n dàn mar dh’ fhàg an sean-fhacal— “Cha chuir i saluun air a chàl”— Bi d’ fhaicill trà, mu ’m meal i thu. Cha tugainnse do ’n uaisle béum, Na h-àite féin ’s cha teannainn ris; Ach ’s beag an cliù do dh’ fhear gun spréidh Bhi fòirneadh té a dh’ aindeoin diubh. Tha thusa ’s mise réir a chéil’, Ar n-òr, ar spréidh, ’s ar seanairean, ’S ma gheibh mi each a ruith na réis, Cho cruaidh riut féin gun lean mi ris. ’Nuair thig am bothan le chraos cam, Am màl, a chlann, ’s an ceannach, ort, Gur taitneach dhuit a bhean, ’s an àm, A thàirneas ceann an amuill leat. AONGHAS MAC CUARRAIG. Mharbh boirionnach ann an Ottawa a fear-pòsda an oidhche roimhe, le tuagh a bhualadh air an cùl na h-amhach. Bha i as a rian aig an àm. Comunn Gailig Lunnain. ORAID LE MHR CAILEAN SISEAL, AIR DHA BHI GABHAIL NA CATHRACH MAR CHEANN-SUIDHE AIRSON NA BLIADHNA. A CHAIRDEAN,—Tha mi toirt taing duibh airson an urram a chuir sibh orm le mo chur an so mar cheann-suidhe air a chomunn. Cha’n eil fios agamsa air urram sam bith a’s mo na so a b’ urrainn a luchd-dùthcha ’chur air duine, agus bho ’n a chuir sibh a leithid a dh’ earbsa annamsa tha mi an dòchas gu’n teid agam, le bhur cobhair agus bhur taic, air rud-eigin a dheanamh airson canain Gaidhealach ar dùthcha. ’Nuair a smaoinicheas mi air na daoine gasda chaidh romham—air Iain Camshron Mac-a-Phie, air Cailean Siseal, air an Leighich Ruairaidh Domhnullach, agus na daoin-uaisle eile ’tha fhathast maille ruinn (gum a fada beò iad, agus ceo an taighean) tha e ’cur feagal orm seasamh ’nan àite. Tha iadsan nach maireann air falbh ’s cha tig iad air ais, ach feumaidh sinn-ne an gnothach a chur air adhart mar is fhearr is urrainn dhuinn. Cha mhisde mise gu robh eòlas agam air na daoine coire a dh’ ainmich mi. Las iad teine ’nam chom nach teid as fhads a bhitheas an anail annam. Theagaisg iad dhomh gaol a thoirt do mo dhùthaich agus do chànain mo mhàthair. Tha pròis orm an diugh gu ’m b’ aithne dhomh na daoine so agus tha mi fior thaingeil airson a chobhair a fhuair mi uapa troimh Chomunn na Gàilig. Is math a bha fios aig seann Chailean Siseal air neart a chomuinn. ’Nuair a bha troimh-cheile ’nar measg o chionn ghoirid sgriobh am bodach bochd chugam mar a leanas—“Na leig co-dhealachadh sam bith eadar thu fein agus Comunn na Gàilig. Na ’m bithinn-sa fuireach an Lunnain ’se rud-eigin uamhasach a bheireadh orm Comunn na Gàilig fhàgail.” Nis, a chàirdean, bu mhath leam ni-eigin math a dheanamh re na h-ùine tha mi anns a’ chathair so, agus is e a chiad ni anns an iarainn bhur cuideachadh, a bhi ’gar cur fein an deagh òrdugh airson obair sam bith a ghabhas sinn os laimh a ghiùlan air adhart gu foghainteach. Feumaidh sinn ar taigh fein a chur an ordugh mu’n toir sinn oidhirp sam bith as leth cànain ar dùthcha. Bu chòir dhuinn-ne ’bhi air thoiseach ann an gluasad sam bith airson math na Gàilig, agus tha fios agam gu ’m beil Gàidheil an taobh a mach de ’n Chomunn so a dh’ fheuchadh ri rud-eigin a dheanamh, ach tha iad a feitheamh an dòchas gu ’n cuir sinn-ne ar taigh an ordugh agus gu ’n labhair a mach le cumhachd; gu ’n gairm sinnn air càirdean ri cheile agus gu ’n teid sinn air adhart gu ceartas fhaicinn aig ar cànain ann an sgoilean na Gaidhealtachd. A reir na h-uile cùnntas cha d’ rinn sinn moran anns an rathad so o chionn iomadh bliadhna ach duaisean a thoirt do ’n chloinn. Tha sin gu math fhad’s a tha e dol ach cha leor e. Buinidh teagasg na dùthcha do ’n rioghachd agus bu chòir an t-ionnsachadh is fearr a tha ri fhaotainn a bhi air a chur an ceill anns na sgoilean. Cha ’n e obair aon duine no aon chomuinn a tha ’n so ach obair àraid na Parlamaid. Tha ar Rùnair ag innseadh dhomh gu ’m beil moran de na maighstirean-sgoile a sgriobhadh chuige-san nach ’eil e leth cho draghail foghlum a chomh-pàirteachadh do ’n chloinn aig a bheil a Ghàilig ’s a tha e dhaibhsan nach tuig ach a’ Bheurla. Feumaidh sinn so a dhearbhadh air an luchd-riaghlaidh mu’n iarr sinn cobhair sam bith uapa. Feumaidh sinn a thoirt orra thuigsinn nach ’eil a’ Ghàidhlig a cumail neach air bith air ais ann a bhi ag ionnsachadh na Beurla ach gur ann a tha i na cuideachadh dhaibh. Leigeamaid ris do ’n t-saoghal gu ’m beil sinn da rìreadh agus deanamaid ar n-uile dhichioll air a h-àite fein fhaicinn aig ar cànain ann an sgoilean na Gaidhealtachd. Ma theid leinn anns an oidhirp so cuiridh sinn comain air ar dùthaich agus dearbhaidh sinn do na h-uile nach ann gu diomhain a tha sinn air ar stéidheachadh mar Chomunn Gàilig. Am Faigh a Ghailig Bas. Tha Robert Chambers, ann an eachdraidh air Ceannairc Phrionnsa Tearlaich, ag radh nach robh an Alba aig an àm sin (1745) ach mu cheud mile de Ghàidheil. Bha so mu’n do chairich ach gann gin dhiubh as an dùthaich fhéin, agus faodar a radh mar sin nach robh de luchd bruidhinn Gàidhlig air an t-saoghal ach an ceud mile. An diugh tha mu thri cheud mile ’ga labhairt ann an Alba, agus ’s suarach sin seach na tha ’ga labhairt ann an dùthchanna eile, far am bheil Gàidheil a’ còmhnuidh. Tha barrachd mor de luchd Gàidhlig an Canada na th’ anns a Ghàidhealtachd. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. [TD 250] [Vol. 5. No. 33. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. V.—EACHDRAIDH AN IASGAIR. An uair a chunnaic am fathach gu ’n robh e fo fhiachan freagairt fhirinneach a thoirt do ’n cheisd a bha an t-iasgair gus a chur air, chaidh e air chrith, agus thuirt e ris an iasgair, “Cuir ceisd sam bith a thogras tu orm, agus greas ort.” “Bu mhath leam fios cinnteach fhaotainn gu ’n robh thu anns an t-soitheach. An dana leat mionnachadh air ainm Dhe gu ’n robh thu ann?” ars’ an t-iasgair. “Tha mi a’ mionnachadh air an ainm mhor sin gu ’n robh mi ann cho fior ’s a tha mi beo,” ars’ am fathach. “A dh’ innseadh na firinn dut,” ars’ an t-iasgair, “cha ’n ’eil mi ’g ad chreidsinn. Cha rachadh aon te de d’ chasan anns an t-soitheach, agus cia mar a tha e comasach gu ’n rachadh do chorp gu leir ann.” “Air a shon sin ’s gu leir,” ars’ am fathach, “tha mise a’ mionnachadh gu’n robh mi ann direach mar a tha thu ’g m’ fhaicinn mu do choinneamh. Cha ’n fhaod e bhith nach ’eil thu ’g am chreidsinn an deigh dhomh mo mhionnan a thabhairt.” “A dh’ innseadh na firinn dhut, cha ’n ’eil mi ’creidsinn facal dheth; agus cha mho na sin a chreideas mi e gus an toir thu dhomh lan dhearbhadh gur i an fhirinn a tha thu ’g radh. Ma theid thu air ais do ’n t-soitheach, creididh mi thu; ach gus a sin, cha chreid.” An uair a chual’ am fathach so, thoisich e ri dhol ’na mheall ceo, agus ri sgaoileadh am mach os cionn a’ chladaich agus a’ chuain; agus na dheigh sin chruinnich e e-fhein ri’ cheile. An sin thoisich e ri dhol beag air bheag air ais do ’n t-soitheach far an robh e roimhe. Cha bu luaithe a chaidh e buileach as an t-sealladh a steach do ’n t-soitheach na thuirt e ris an iasgair, “Seadh a nis, fhir gun chreideamh, tha mi uile gu leir anns an t-soitheach. An creid thu nis mi?” An aite freagradh a thoirt air an fhathach, chuir an t-iasgair an ceann gu cruaidh, teann, anns an t-soitheach, agus thuirt e, “A nis, fhathaich, feumaidh tusa teannadh ri fabhar iarraidh ormsa, agus feumaidh tu innseadh dhomhsa ciod an doigh anns an fhearr leat am bas fhulang. Ach an aite do chur gu bas is ann is fhearr dhomh do thilgeadh do ’n chuan far an d’ fhuair mi thu. An sin togaidh mi taigh air bruaich a’ chladaich, far am bi mi ’gabhail comhnuidh a chum gu ’n cuir mi na h-uile iasgair a thig an rathad ’nam faireachadh air eagal gu ’n toir a h-aon aca gu tir thu agus gu ’n toir iad dhut do shaorsa.” An uair a chuala am fathach na briathran so bha fearg anabarrach air, agus dh’ fheuch e cho math ’s a b’ urrainn da, ri faotainn am mach as an t-soitheach. Ach do bhrigh gu ’n robh seula Righ Solamh air beul an t-soithich cha b’ urrainn da. Mu dheireadh an uair a chunnaic e gu ’n d’ fhuair an t-iasgair lamh-an-uachdar air, thoisich e ri leigeadh air nach robh fearg idir air. “Iasgair,” ars’ esan, agus e ’labhairt gu ciuin, siobhalta, “thoir an aire nach dean thu mar a tha thu ’g radh. Cha robh mise ach mar mhagadh an uair a bha mi ’maoidheadh do mharbhadh. Cha robh e ’n am bheachd cron sam bith a dheanamh ort.” “Oh fhathaich,” ars’ an t-iasgair ’s e freagairt, “tiotadh roimhe so bu tu am fathach bu mno a bh’ air an t-saoghal, ach a nis is tu am fear a’s lugha dhiubh. Cha dean do bhriathran carach feum sam bith dhut. Theid do thilgeadh do ’n chuan. Ma bha thu cho fad anns a’ chuan ’s a tha thu ’g radh, tha e cheart cho math dhut fuireach ann gu latha ’bhreitheanais. An uair a ghuidh mise ort an ainm Dhe gun mo bheatha ’thoirt air falbh, cha tugadh tu cluas no geill dhomh. Ni mise a nis ort mar a rinn thu fhein ormsa.” Rinn am fathach na b’ urrainn da a chum impidh a chur air an iasgair a leigeadh am mach as an t-soitheach. “Fosgail an soitheach,” ars’ esan, “agus leig mo chead fhein dhomh, tha mi ’guidhe ort, agus tha mi ’gealltainn gu ’n toir mi dhut ni sam bith a dh’ iarras tu orm.” “Cha ’n ’eil annad ach an dearg shlaoightire,” ars’ an t-iasgair. “Bu mhath an airidh ged a chaillinn-sa mo bheatha, na ’m bithinn cho amaideach ’s gu ’n cuirinn earbsa sam bith annad. Dheanadh tu orm mar a rinn an righ Greugach air Douban, an lighiche. Tha mi ’dol a dh’ innseadh dhut mar a rinn e air, agus ma dh’ eisdeas tusa ris an naigheachd cha mhisde thu e.” “Bha righ ann am Persia aon uair air an robh an galair graineil sin ris an abrar, an luibhre, agus a dh’ aindeoin na rinn na lighichean a bh’ anns an rioghachd a chum a leigheas, cha b’ urrainn daibh feum sam bith a dheanamh dha. Anns an am thainig lighiche gle sgileil do ’m b’ ainm Douban do ’n luchairt rioghail. Bha e comasach air leabhraichean de na h-uile seorsa a bh’ air an t-saoghal a leughadh, agus air dha bhith ’na dhuine anabarrach foghluimte agus tuigseach, bha e comasach air brigh gach luibh agus gach cungaidh leighis a bh’ air an t-saoghal a thuigsinn. Cho luath ’s a chuala e mu ’n eucail a bh’ air an righ, agus a thuig e gu ’n d’ fhairltich air lighichean na rioghachd a leigheas, chuir e uime an deise aodaich a b’ fhearr a b’ urrainn da fhaotainn, agus fhuair e le fabhar cead a dhol a bhruidhinn ris an righ.” “Le ’r cead a righ,” ars’ esan, “dh’ innseadh dhomhsa nach b’ urrainn do ’n luchd-sgile a th’ anns an rioghachd bhur leigheas o ’n luibhre. Ach ma chuireas sibh a dh’ urram ormsa gu ’n leig sibh leam feuchainn ri bhur leigheas, geallaidh mi gu ’n leighis mi sibh gu’n cungaidh-leighis ol, no cungaidh-leighis a shuathadh ri bhur craicionn.” Dh’ eisd an righ ris na briathran a labhair e, agus thuirt e ris, “Ma theid agad air mise a leigheas mar a tha thu ’gealltainn, ni mi thu fhein agus do shliochd ’na d’ dheigh anabarrach saoibhir. A bharrachd air sin, bidh meas agam ort ni ’s mo na bhios agam air duine sam bith eile. Am bheil thu cinnteach gu ’n leighis thu mi gu ’n toirt orm ni sam bith ol, no ni sam bith a shuathadh ri m’ chraicionn?” “Tha,” ars’ an lighiche; “agus le comhnadh Dhe, tha mi ’creidsinn gu ’n teid a chuis leam gu math. Feuchaidh mi ris am maireach.” Thill an lighiche air ais do ’n aite anns an robh e ’fuireach. Rinn e plocan a bha fosgailte na bhroinn. Bha a’ chas a chuir e anns a’ phlocan fosgailte na bhroinn mar an ceudna. Chuir e na cungaidhean a bha gus an righ a leigheas anns a’ phlocan troimh an toll a bh’ anns a’ chois. Rinn e mar an ceudna ball a chum gu ’m buaileadh an righ e leis a’ phlocan. Anns a’ mhadainn an la ’r-na-mhaireach chaidh e far an robh an righ, agus an uair a thug e umhlachd is urram dha mar a bha dligheach dha dheanamh, thuirt e ris e mharcrachd do ’n aite anns am b’ abhaist da bhith aig cluicheadh le ball agus le plocan. Rinn an righ so, agus cho luath ’s a rainig e an t-aite, choinnich an lighiche e, agus am plocan agus am ball aige. Thuirt e ris an righ, “Le ’r cead a righ, bithibh a’ cluicheadh leis a’ phlocan ’s leis a’ bhall so gus an tig bhur fallus am mach gu math. An uair a ghabhas na cungaidhean a chuir mi ann an cas a’ phlocain blaths le teas bhur laimhe, theid iad air feadh na collan agaibh gu leir, agus cho luath ’s a bhios sruth falluis dhibh, marcachaidh sibh dhachaidh cho cabhagach ’s a theid agaibh air; oir bidh na cungaidhean an deigh feum a dheanamh dhuibh. Cho luath ’s a ruigeas sibh an luchairt, nighibh sibh-fhein gu math ’s gu ro mhath. An sin theid sibh do ’n leabaidh; agus an uair a dh’ eireas sibh am maireach bidh sibh cho slan ’s cho fallainn ri duine anns an rioghachd.” Ghabh an righ am plocan as a laimh, agus thoisich e-fhein ’s na h-oifigich a b’ abhaist a bhith ’cluicheadh comhladh ris, ri cluicheadh leis a’ bhall mar bu ghnath leotha; agus an uair a thainig ’fhallus am mach gu math, tharruinn teas a laimhe na cungaidhean a bh’ ann an cas a’ phlocain am mach, agus chaidh iad air feadh na collan aige, mar a thuirt an lighiche. Gun dail sam bith thill e do ’n luchairt, agus an uair a nigheadh gu math e chaidh e do ’n leabaidh, mar a dh’ iarr an lighiche air. An la’r-na-mhaireach an uair a dh’ eirich e, bha e cho slan ’s ged nach biodh an luibhre riamh air. Cha bu luaithe a chuir e uime na chaidh e do ’n chuirt anns am bu ghnath leis a bhith ’comhradh ri maithean na rioghachd, agus a’ cur cuisean na rioghachd an ordugh. An uair a chaidh e steach bha mor-uaislean agus mor-mhaithean na rioghachd cruinn ’g a fheitheamh, agus iad air bhainidh gus fhaicinn an robh e air a leigheas o ’n luibhre. An uair a chunnaic iad gu robh e air a [TD 251] [Vol. 5. No. 33. p. 3] lan-leigheas, bha iad uile anabarrach aoibhneach. Thainig Douban, an lighiche, a steach far an robh iad uile cruinn, agus chrom e sios gu h-iriosal fa chomhair na righ-chathrach. An uair a chunnaic an righ e, thug e air suidhe air cathair ri ’thaobh, agus mhol e e mar a b’ airidh e air. Thug e air mar an ceudna biadh a ghabhail maille ris fhein agus ri ard-mhaithean na rioghachd. Cha b’ e mhain gu ’n do chuir an righ de dh’ urram air Douban (ars’ an t-iasgair ris an fhathach) gu ’n tug e air suidhe aig an aon bhord ris fhein, ach an am do na h-ard-uaislean a bhith falbh dhachaidh anamoch feasgar, thug e air aon de ’n luchd-frithealaidh deise bhriagha a chuir air Douban, mar a bha air ard-uaislean na cuirte. A bharrachd air sin, thug e dha da mhile bonn oir. O’n a bha an righ a’ smaointean nach b’ urrainn da caoimhneas gu leor a nochdadh do ’n lighiche, bha e o latha gu latha ’nochdadh caoimhneas ur dha. (Ri leantuinn.) Na Marbhrannan. Ma dh’ fhaodte nach ’eil buaidh eile ri fhaotainn ann an litreachas ar sluaigh anns an rioghachd so cho comharraichte ris a’ mheas agus ris an tlachd a nochd ar daoine anns gach linn d’ an eachdraidh do ’n àm a dh’ fhalbh. Gheibh sinn an Gaidheal, ’n ar latha fein, a’ caoidh cor a luchd-duthcha,—a’ leudachadh air am bochdainn, air an aineolas, air an aingidheachd; agus a’ cur ’n ar cuimhne treuntas, gliocas, ’us ionracas ar n-aithrichean. Bha ’n gearan ceudna aig ar n-aithrichean. Agus ma bheir sinn geill d’ ar seanachaidhean agus d’ ar baird, b’ ionann éubh do gach ginealach a chaidh thairis o’n a tha seanachas ’us bardachd againn. Gheibhear a bheag no mhor de ’n teagasg cheudna am measg gach sluaigh; ach buinidh a’ bhuaidh so ann an doigh ro shonruichte do na Gaidheil. O là gu là, agus o bhliadhna gu bliadhna, agus gu sonruichte ’n ar latha fein, tha comhfhurtachd agus sonas an duine a’ meudachadh. Tha ar n-eolas air feum an duine ’dol am farsuingeachd. Tha na ficheadan agus na miltean doigh ’g am faotainn a mach gach là air son an talaimh so agus na laghannan a tha riaghladh ann a chiosnachadh a chum feum an duine. Agus ged, ma dh’ fhaodte, a gheibhteadh ann an eachdraidh an t-saoghail linntean anns an do shaoithrich daoine bu chomasaiche, araon ann an corp agus ann an inntinn, na ’n linn anns a’ bheil ar crannchur-ne, tha e gun teagamh fior nach robh àm riamh air a’ bheil cunntas againn cho torach anns cho soirbheachail airson a bhi tiunndadh eolais ’us gliocais gu bhi meudachadh sonais a’ chinne-dhaonna. Cha robh riamh ann an eachdraidh Bhreatuinn a leithid de èud air a nochdadh le’r comharlaichean agus le’r riaghailtearan a chum laghannan agus riaghailtean a chur air bonn airson meadhonan sonais a chur fa chomhair an luchd-aiteachaidh. ’N ar biadh agus ’n ar eudach, ’n ar tighean, ’n ar suidhe agus n ar luidhe, tha sinn fada, fada na ’s comhfhurtachaile na bha riamh ar n-aithrichean. Ach cha ’n e mhain so. Tha cothrom air toilinntinn a mhealtuinn aig ar n-obair le ealaidhean ùra, agus as deigh obair an là bhi seachad le paipearan-naigheachd, le leabhraichean, agus leis gach goireas do-aireimh eile air nach cuala ar n-aithrichean iomradh. Maighstirean-sgoile, ministeirean, ’us lighichean gach là a’ dol an lionmhoiread, agus, gu bhi ’g an gabhail thar cheann, nach faod mi radh, gach là a’ dol am feabhas. Comas gluasaid o sgireachd gu sgireachd—o rioghachd gu rioghachd—agus o dhuthaich gu duthaich nach cualas riamh a leithid; comas-conaltraidh a ghleidheadh r’ar cairdean ann an duthchannaibh céin nach creideadh ar seanairean gu ’m biodh e comasach. Cha ’n fhocal mòr a’ radh gu bheil barrachd cothrom aig a’ chroiteir agus aig an iasgair anns an àite is iomallaiche de ’n Ghaidhealtachd air ruigheachd air tuillidh de na meadhonan a ni a’ bheatha aimsireil socrach agus taitneach na bha aig an uachdaran ceud bliadhna roimhe so. Co-dhiu tha no nach ’eil an t-iasgair agus an croiteir a’ deanamh an fheum is fearr de na cothroman a tha aca, no a deanamh stri chumhaidh gu bhi ruigheachd air na goireasan a tha ’m fad na laimhe dhoibh, cha bhi mi an traths’ a’ feoraich. Ach ma leughas sinn ar paipeirean-naigheachd Gaidhealach, nach ann a shaoileas sinn gur e ’n t-atharrach a tha fior. An aite bhi creidsinn gu bheil cor an duine anns an t-saoghal so, no co-dhiu cor nan Gaidheal, a’ dol am feabhas, nach ann a bheir ar luchd-teagaisg oirnn a chreidsinn gu bheil e gach là a’ dol am miosad. An aite a bhi creidsinn leis a’ chorr de ’n t-saoghal gu bheil “Linn an aigh” air thoiseach oirnn, mur ’eil i cheana againn; nach ann a tha e air iarraidh oirnne bhi creidsinn leis na seann Romanaich gu bheil i seachad o chian nan cian, agus nach till i gus an till Mac-Cruimein. Nach ann a tha chuis mar gu ’m biodh an corr de ’n t-saoghal o chionn iomadh ceud bliadhna a’ cur car deiseal dheth; Gaidhealtachd na h-Alba a mhain a’ cur car tuathal dh’i. Tha e gun teagamh fior gu ’m faighear ar sluagh anns gach linn d’ ar n-eachdraidh a’ caineadh cor an latha fein; a’ monbhur agus a’ gearan air cuisean mar tha iad; a’ moladh cuisean mar bha iad; a’ caoidh na tim a chaidh seachad; agus tosdach mar gu ’m biodh iad caoin-shuarach mu ’n tìm a tha ri teachd. Dearbhaidh focail ar canain gu bheil am feart so dligheach d’ ar sluagh. Fhuair mi cho maith ri leth-cheud focal anns a’ Ghaidhlig a’ toiseachadh leis an fhocal Sean. Cha ’n ’eil àite eile anns an d’ fhuair an Gnath-fhocal a leithid de urram agus de umhlachd ’s a fhuair e anns a’ Ghaidhealtachd. ’S e ainm Sean-fhocal; ach ’s e fhior chiall ’n ar measg-ne Glic-fhocal. A rìs, ’s e Seanachas ma dh’ fhaodte focal is fearr a tha againn airson eachdraidh agus is e Seanachaidh an aon fhocal airson fear-eachdraidh. Ri athair t-athar no do mhathar theirear ’s a’ Bheurla Athair-mor no Athair-greadhnach (Grand-father); their sinne Sean-athair (Old-father); ri athair a sheanar, their an Sasunnach Athair-mor-mor (Great-grand-father); their an Gaidheal Seann-sean-athair (Old-old-father). Ri d’ aithrichean o chéin, their thu do Shinnsearachd; ri aon a gheibhear ’n a òige a’ cleachdadh cainnt ’us giulain an aosda theirear Seana-cheann; agus ri talamh a tha bliadhnachan gun àiteach their sinn Seann-talamh. Dh’ fhaodte na h-eisempleirean so a leantuinn ro fhada. A rìs cha ’n e mhain guu abair sinn “An t-urram do ’n aois,” agus gun toir sinn geill do ’n aithne chubhaidh sin; ach gheibh beachd ’n ar measg moran barrachd geill na’s airidh e, ma dh’ fhaodte, airson a luach no fhìrinn ma chuireas tu leis: “Mar thuirt an sean’ar e.” Ann an dlù-cheangal ris a’ bhuaidh a dh’ ainmich mi, tha feart eile a tha ro-chomharraichte ’n ar litreachas—’s e sin cho cianail, mhuladach ’s a tha roinn mhor dh’i. Bhiodh e duilich a radh co-dhiu is e bhi ’n comhnuidh ag amharc ’n ar deigh a thug an car smalanach so d’ ar n-inntinn, no co-dhiu is e gu bheil ar n-inntinn smalanach a dh’ fhag sinn cho teom air a bhi sealltainn cho tric air ar n-ais; ach tha co-cheangal dlù aig an dà bhuaidh ri cheile. Cha ’n ’eil coigreach a rinn a’ bheag no mhor de bheachdachadh air a’ bhardachd Ghaidhealaich nach d’ thug an aire do ’n bhuaidh so. Cha ’n ’eil neach aig nach ’eil cuimhne air àite ’us àite anns an do labhair Sir Walter Scott air a’ bhuaidh so ’n ar bardachd agus an comhnuidh le cliù. Thug Byron leis ’n a fhuil bhuaireasaich fein moran de ’n fheart cheudna agus chithear e briseadh a mach ’na rann gu ro thric. Tha cuid de na dàin is binne agus is miaghaile a sgriobh Campbell—Lord Ullin’s Daughter agus Lochiel’s Warning—a’ gleidheadh air chuimhne a’ bheachd a ghabh esan air inntinn ar sluaigh. Dh’ fhaodte aobhar no dhà fhaotainn airson gu ’m biodh Gaidheil na h-Alba dubhach, smalanach ’n an inntinn. Is rian so, ma dh’ fhaodte, a tha dual dhuinn mar chinneadh, ged nach ’eil mi fein a’ creidsinn gu ’m faighear dearbhadh cubhaidh air a’ chuis. Tha sinn o chionn iomadh ceud bliadhna air an taobh lag anns an rioghachd agus cha ’n ’eil teagamh nach aobhar so a ghleidheadh na buaidh beò. Tha fios againn gur ann an uair a bha Gaidheil Wales ri stri chruaidh an aghaidh cumhachd nan Sasunnach a dh’ eirich na baird ’n a lan neart a bhrosnuchadh an t-sluaigh; agus cha ’n ’eil feart anns a’ bheil bardachd chliuiteach nan daoine tréuna sin cho comharraichte ris an éubh thiamhaidh, ghoirt leis a’ bheil am bard a’ dusgadh gaisge a shluaigh ’s a’ guidhe dioghaltais air a (Air a leantuinn air taobh 254.) [TD 252] [Vol. 5. No. 33. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, FEBRUARAIDH 20, 1897. Chualas o chionn treis a dh’ ùine iomradh air ceannairc a bhi dol air adhart ann an Crete. Tha an t-eilean so faisg air a’ Ghreig, agus tha e fo riaghladh na Tuirce ged is Greugaich a’ mhor-chuid de ’n luchd-aiteachaidh. O chionn ghoirid tha cùisean a’ sior fhàs na ’s miosa air an eilean; tha ’n sluagh, a reir gach coltais a’ cur rompa cuing na Tuirce a thilgeadh dhiubh air a h-uile cor, agus tha ’n Tuirc a’ cur roimpe nach leig i leotha sin a dheanamh. Tha a’ Ghréig air taobh nan Creteach, rud a tha nàdurra gu leòr, agus tha i air son arm na Tuirce a chur bhar an eilein a dheòin no dh’ aindeoin. Chuireadh buidheann de shaighdearan Greugach air tir ann an Crete deireadh na seachdain s’a chaidh, agus ghabh iad seilbh air an eilean, ’s an sluagh a deanamh am beatha le mor ghàirdeachas. Ma leigear leis a Ghréig, cha ’n fhada gus am feum na Turcaich an t-eilean fhàgail, ach ’si bharail choitchionn nach leig na rioghachdan mora leatha idir, ach gu feum i a cuid airm a ghairm dhachaidh, agus Crete fhàgail aig an Tuirc mar a bha e roimhe. Ach tha dòchas mor aig cuid nach ann mar sin a ni iad, ach gu ’m bi na Creteich air an saoradh o chuing na Tuirce, agus gu ’m bi iad an deigh so fo uachdaranachd na Gréige. Tha sinn an dòchas gur ann mar so a bhitheas; tha e dona gu leòr do na rioghachdan a bhi leigeil an t-Sultain as gun pheanas air son sgrios nan Armenianach, gun a bhi ’ga dhion o na rioghachdan beaga nuair a tha iad ag iarraidh a chronachadh air son a dhroch dheanadais. Tha cùisean ann an Cuba car mar a bha iad o chionn treis a dh’ ùine. A reir coltais, tha na Spàinntich a’ fàs sgith dhe ’n cheannairc, agus air an dòchas gu ’n gabh cur as di, a chall. Tha an Spàinn a nise ’tairgse tomhas de fhéin-riaghladh do Chuba ma bheir na ceannaircich suas, agus ma sguireas iad dhe ’n chogadh. Cha ’n eil e ro-choltach gu ’n gabh na Cubaich ris an tairgse sin, oir cha ’n eil, a reir am barail-san, faisg gu leòr air a ghealltuinn dhaibh, agus ’s e ’s dòcha gu bheil iad car teagmhach a thaobh co-dhiu a bhitheas eadhon am beagan a tha air a ghealltuinn, air a choilionadh. ’S e ’s coltaiche, ma tha barail aig na Cubaich gu ’n teid ac’, air a’ cheann m’a dheireadh, air an làmh-an-uachdar fhaotainn air na Spàinntich, gur fhearr leotha leantuinn rompa agus an saorsa chosnadh uapa le faobhar a’ chlaidheimh na dhol fo chuing na daorsa dhaibh a rithist. Tha fhios gle mhath aca nach d’ thug dad orra an tairgs’ ud a thoirt dhaibh ach an t-eagal gu ’n caill iad an t-eilean gu buileach. Tha an sgriobhadair ainmeil sin, “Ian Maclaren,” an deigh cuairt a chur air na Staitean, ag ràdh nach eil eadar-dhealachadh mor sam bith anns an dòigh a th’ aig sluagh nan Stàitean agus sluagh Bhreatuinn air tigh’nn beò. Ach tha e moran na’s daoire a bhi anns na Stàitean na tha e bhi ann am Breatunn; tha pris gach ni na’s àirde, mur eil biadh a mhàin. Tha e dhe’n bharail gu’m biodh duine suas ann an Lunnain air da cheud deug punnd ’sa bhliadhna a cheart cho math ’sa bhiodh e ann an New York air tri mile punnd. Tha Parlamaid Nobha Scotia gu laidir an aghaidh còir bhòtaidh a thoirt do na boirionnaich. Tha ’Phàrlamaid Bhreatunnach air an làimh eile, a reir gach coltais, a dol a thoirt na còir sin dhaibh; agus tha moran de shluagh na dùthcha so leis ’m bu toil fhaotainn a mach le cinnt co a’s dòcha bhi ceart, Parlamaid mhor Bhreatuinn no a’ Phàrlamaid bheag againn fhéin? Ann am Moncton, N. B., oidhche Di-ciaduin, bha dithis nighean a deanamh deiseil gu dhol gu bàl dannsa; thuit lampa a bh’ aca agus chuir i teine ri ’n cuid aodaich. Bha iad air an losgadh gu dona le chéile, agus mar an ceudna am màthair, a chaidh g’ an sàbhaladh. Cosguis an Teaghlaich Rioghail. Tha teaghlach rioghail Bhreatuinn a cosg do’n dùthaich mu shia ceud mile punnd Sasunnach ’sa bhliadhna, mu thri muillein dolair ’san airgead againne, ach tha cuid a’ deanamh mach gu bheil iad, air aon dòigh no dòigh eile, a’ cosg a dha uiread sin. Ach ged a bhiodh an teaghlach rioghail a’ cosg muillein punnd Sasunnach ’sa bhliadhna, tha ochd muilleinnean deug air fhichead sluaigh anns na h-Eileanan Breatunnach, agus ma theid an t-suim sin a roinn eatorra, cha bhi aca ri phàigheadh thar a chéile ach seachd sgillinn. Sin na ghleidheadh iad air cur as do’n teaghlach rioghail, agus faodar a cheist a chur, an gleidheadh iad sin fhéin? Ma tha iad a’ smaoineachadh gu’n gleidheadh, amhairceadh iad air dùthchannan eile, mar a tha na Stàitean Aonaichte, aig nach eil righ, no ban-righ, no teaghlach rioghail, agus chi iad gu bheil e, mar is trice, cheart cho cosgail ceann-suidhe a thaghadh uair ’s na ceithir bliadhna ’sa tha e righ no banrigh a chumail suas. STOR UR TAILLEARACHD, Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoriah Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 253] [Vol. 5. No. 33. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha teine mor ann an Toronto Di-màirt. Chaidh tigh-ceannachd a b’ fhiach tri fichead us deich mile dolair a losgadh. Chaidh dithis bhoirionnach a ghlacadh ann an stòr am Boston ’s iad a’ goid bathair air a mheadhon-latha, toiseach na seachdain so. Bha fiach ceud us ceithir dolair de bhathar air an siubhal aig an àm. Tha meirleach ann an stàit Illinois an deigh ceud bliadhna dhe ’n phriosan fhaotainn mar dhuais air son a dhroch-bheairt, agus tha ’m fear-lagh’ aige nise a deanamh a mach gur h-e thapadh-san bu choireach nach d’ fhuair an duine boch am priosan ri ’bheò. Tha na faoillich a nise seachad, agus bha iad gle bhriagha fhad ’sa mhair iad. Cha robh a leithid de shide bhriagha anns an dùthaich o chionn treis a bhliadhnaichean. ’S e duine tha gle dhoirbh a thoileachadh a ghearaineadh air an t-side bh’ ann o’n thainig an geamhradh. Mu ’n do sguireadh a dh’ obair ann a mèinn Springhill, bha aona ceud deug duine a faotainn cosnaidh. Fhad ’sa bha i na tàmh bha a mhor chuid dhiubh sin anns a’ choille, a’ gearradh connaidh gus teine a chumail riutha fhéin. Tha iad a nise ’g obair anns a mhèinn aon uair eile. Bidh rathad-iaruinn Newfoundland, eadar baile St. John’s agus Port an Basque, air taobh an iar an eilein, air fhosgladh a’s t-samhradh s’a tighinn. Bidh soitheach-smùide a ruith eadar Port an Basque agus Sidni Tuath tri uairean ’san t-seachdain aon uair ’s gu ’m bi an rathad ullamh. Tha duine ann am Baile-Shearlot, E. P. I., an deigh fear eile chur ’san lagh air son sgiorradh a dh’ éirich dha air rothair. Dh’ fhastaidh e an rothair bho ’n fhear eile, agus ghoirtich e e-fhein leis. Tha e nise deanamh a mach nach robh an rothair ann an ordugh ceart, agus tha e air son da mhile dolair a thoirt bhar an fhir eile air son mar a dh’ éirich dha. Air a cheathramh latha dhe ’n Mhàrt bidh Mc-Kinley, ceann-suidhe ùr nan Stàitean air a chur do ’n dreuchd, agus bidh Cleveland ’ga fàgail. Thatar ag radh gu bheil Cleveland gan dàil a’ falbh gus cuairt a chur air an t-saoghal. Ni e an turus air a shocair, cha ’n ann air sgàth ainm a dheanamh dha fhein mar fhear-siubhail, ach air sgàth toil-inntinn agus slàinte. Cha robh roimhe so àite ann an Canada no anns na Stàitean anns am faodadh daoine dhol a shabaid air son duais, gun a lagh a chur bacadh orra, ach cha ’n eil a’ chùis mar sin na ’s fhaide. Tha stàit Nevada an deigh an obair bhrùideil sin a dheanamh laghail, agus faodaidh iad, ma thogras iad, na h-eanchainnean a chur as a chéile, aon uair ’s gu ’m pàigh iad air son a’ chead. Tha fear de phaipearan Shelburne ag innse gu ’n deachaidh ceud gu leth moose a mharbhadh anns an t-siorrachd sin o’n thainig an geamhradh. A reir coltais tha na beathaichean sin a’ fàs gu math lionmhor o’n fhuair iad an lagh air an taobh, agus bu chòir do luchd-ceartais anns gach cearna de ’n mhor-roinn fhaicinn nach eil an lagh sin air a bhristeadh; bu mhor an call na ’n cuirte as do na h-ainmhidhean sin gu buileach. Chaidh pàirt de thigh na pàrlamaid ann an Ottawa ’na theine a sheachdain gus an de, ach cha d’ fhuair e air adhart air dòigh ’s gun d’ rinn e call ro-mhor. Tha an call a rinneadh leis air a mheas aig ceud gu leth mile dolair, ach cosgaidh e mu cheud mile eile an togalach a chur na àite fhéin a rithist. Bha droch mhullach air a chuid sin dhe ’n tigh, agus ’se sin bu choireach ris an teine. Tha ’n la grippe air tigh’n mu ’n cuairt aon uair eile. Tha gu leòr tinn leis air an eilean so, agus tha e moran na ’s miosa an Cuibeic ’s an Ontario na tha e anns na mor-roinnean iseal. Chaidh bill a thoirt fa chomhair pàrlamaid na mor-roinne a sheachdain gus an dé, air son còir bhòtadh a thoirt do na boirionnaich, ach aig an darra leughadh chaidh cur as da. Bha tri air fhichead na aghaidh agus cha robh ach a sia air a thaobh. Tha da shoitheach-smùide, an Newfoundland, agus a’ Harlaw, a’ fàgail Halifax air an t-seachdain s’a tighinn gus a dhol a ghlacadh ròn anns a’ Ghulf. Tha an deigh mhor gu math tiugh, agus tha eagal orra nach bi na ròin mar sin gle shoirbh an glacadh. Tha Canada cheana ’n deigh leth-cheud mile dolair a chur cruinn air son cuideachadh le luchd na gorta anns na h-Innsean, agus o nach eil ach ùine ghoirid o’n thoisicheadh air an airgead a chur cruinn, ’s e ’s dòcha gu ’m bi dha no thri uiread sin air a chur cruinn mu ’n stad iad. Tha baile Charlottetown an deigh an “curfew” a thoirt a stigh. Aig ochd uairean a h-uile h-oidhche tha clag ’ga bhualadh, agus an uair sin tha aig gach aon nach eil os cionn coig bliadhn’ deug a dh’ aois ri bhi fo dhruim nan taighean. Chaidh an lagh ùr so a chur an gniomh a cheud uair a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh. Chaochail Tearlach W. Brooke, aon de na fir-lagha b’ ainmeile bha ’s na Stàitean, ann an New York air an t-seachdain s’a chaidh, agus an deigh a bhàis fhuaireadh a mach gu robh tri bantraichean tùrsach ’na dheigh. Tha iad uile fuireach an taobh a stigh de leth-cheud mile bho chéile, agus thatar ag radh nach abair té seach té dhiubh droch fhacal mu ’n fhear nach maireann. Tha ’n strike ann an Springhill seachad; thainig na daoine agus na maighstirean gu còrdadh Diluain s’a chaidh an deigh do ’n mhèinn a bhi ’na tàmh fad choig seachdainean. Tha sinn an dòchas gu ’n do chuir sin crioch air a’ ghnothuch, agus nach tachair a leithid ’sa mhèinn sin re iomadh bliadhna ri tighinn, oir cha ’n eil na h-aimhreitean ud, mar a’s trice, ’nam buannachd do thaobh seach taobh. Bho ’n thainig achd nan drochaidean gu bhi ’na lagh, chaidh gle fhaisg air muillean gu leth dolair ($1,457,361.21) a chosg air drochaidean ann am mor-roinn Nobha Scotia. Chaidh $334,271.07 dhe sin a chosg air an eilean so, mar a leanas:—Ann a siorrachd Inbhirnis, $102,383,96; ann an siorrachd Victoria, $68,784.25; ann an siorrachd Cheap Breatunn, $132,115.78; agus ann an siorrachd Richmond, $30,978.18. Chaidh fear do ’m b’ ainm Uilleam Dixon, balbhan, a mharbhadh leis a charbab-iaruinn Di-màirt s’a chaidh, faisg air Dorchester, N. B., aig a cheart àite ’san deach an carbad bhar an rathia do chionn da sheachdain air ais. Bha e coiseachd air an rathad, cha b’ urrainn da fuaim a charbaid a chluinntinn, agus le car a bhi anns an rathad, cha ’n fhacas e gus an robh e tuilleadh us anmoch. Bha e air a mharbhadh air ball. Bha e leth-cheud bliadhna dh’ aois, agus cha robh e pòsd’ idir. Tha eaglais ùr nam Forks ri bhi air a fosgladh a sheachdain gus am màireach. Searmonaichidh an t-Urr. Mr. Forbes innte ’sa mhaduinn aig aon uair deug, am Beurla ’s an Gàilig, agus an t-Urr Mr. Mac Raing aig tri uairean feasgar. Bidh tional airgeid air a thogail aig gach seirbhis. Tha sinn a tuigsinn gu bheil an eaglais mar tha faisg air a bhi saor o fhiachan, agus tha sinn an dochas gu ’m bi an tional a nithear aìg a fosgladh cho mor ’s gu’m bi iad comasach air a pàigheadh gu h-iomlan. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 254] [Vol. 5. No. 33. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 251.) naimhdean. Ach air an laimh eile gheibhear a’ bhuaidh cheudna ann am bardachd ghreadhnaich Oisein an uair a tha chairdean an uachdar a cheart cho neartmhor ’s a gheibhear i ann an orain loisgeach Mhic-Mhaighstir-Alastair ás deigh Chuilfhodair. Tha mi meas gu ’m faighear an roinn is mo de ’n aobhar, ann an Gaidhealtachd na h-Alba co-dhiu, airson an spioraid smalanaich a tha riaghladh ar bardachd ann an gnè na tìre anns a’ bheil ar crannchur. Tha ar n-inntinn a’ tarruing a dreach o ghnè na tìre anns a’ bheil i fas ann an tomhas moran na’s mo na tha sinn ullamh gu bhi creidsinn no idir a’ cuimhneachadh. Ghineadh an t-samchair shiorruidh a tha ’n cois ar beanntan àrda, ar glinn uaigneach, ar monaidhean sgìth, ar coilltean dorcha, spiorad soluimte, iriosal anns an neach is luaimniche inntinn. Cha ’n ’eil mi meas gu bheil e comasach do neach oige a chur seachad an taice cuan mor na h-Aird-an-Iar gun gaoir a’ chladaich a bhi tric ’n a chluais, agus gun buille trom, tiamhaidh na tuinne air a’ chraig no air an traigh a bhi air a dheachdadh air eanachainn mar le iarunn dearg. A thuillidh air so tha an tìr bochd, neo-thorach, agus chuidicheadh an strì chruaidh a bha ’s a tha aig an t-sluagh gu bhi solair loin d’ an teaghlaichean inntinn iriosal, striochdta a ghinntinn annta, an uair a chruaidhich an stri so féin cnamhan ’s a righnich i feithean an cuirp. Tha ’n Sgriobtur ag innseadh dhuinn an uair a “dh’ fhas Iesùrun reamhar gu ’n do bhreab e”; agus ged nach abair neach nach ’eil sinne deas gu leoir gu breabadh, cha ’n ’eil teagamh agam na ’m bitheamaid na bu raimhre, nach breabamaid na bu trice. Ach cia air bith an t aobhar cha ’n ’eil teagamh nach ann dubnach, cianail, muladach a tha a chuid is mo d’ ar litreachas, agus nach ann mar is mo a gheibh sinn de’n fheart so is toilichte bhitheas sinn. Na ’m biodh a’ chleachduin againne a bha aig na Greugaich agus aig na Romanaich o shean, a bhi toirt ainm ’us dreach ’us eideadh do spiorad na bardachd ’n ar measg, saoilidh mi gu ’n cuireamaid a’ cheolraidh Ghaidhealach ann an riochd bantraich, air a sgeudachadh ann an culaidh-bhroin, a’ caitheadh a mhor chuid d’ a saoghal a’ tuireadh aig uaigh a fir, ’s a’ chorr d’a tìm a’ seinn crònan tiamhaidh ’n a dachaidh fhuair,—a nis ’s a rìs fiamh a’ ghaire a’ togail air a gnuis mhaisich an uair a chuimhnicheas i air laithean a h-oige ’s a sunnd, an uair a bha fear a graidh maille rithe, ’s a bha iad làmh air laimh a’ siubhal roimh choilltean dosrach ’s roimh ghlinn uaigneach an duthcha fein gun smuain air bròn, air trioblaid, no air bàs. Ach ged a tha ar bardachd thar cheann comharraichte airson na spioraid mhùchte, bhronaich a dh’ ainmich mi, tha na “Cumhachan” no na “Marbhrannan”—’s e sin na dàin a rinneadh a ghleidheadh air chuimhne cliù no mi-chliu a chuid sin de ’n t-sluagh a mheas na bàird airidh air rann,—tha a’ mheur so d’ ar bardachd toillteanach air cunntas air leth dh’i fein. Tha na marbhrannan, mar a dh’ earbamaid roimh laimh, lionmhor; ann am bharail-se, ro lionmhor. Ann a bhi sealtainn thairis air meur ’s am bith d’ ar bardachd, mar tha na laoidhean—na marbhrannan—na h-aoirean—na h-orain-ghaoil—agus gach buidheann eile d’ am faighteadh ainm freagarrach, cha ’n ’eil mi meas gu ’m faighear doigh is fearr na bhi roinn eachdraidh ar bardachd na tri earannan no linntean. ’Se sin: I. An linn anns an abrar gu cumanta anns an do shaoithrich Oisean, Oran, Ullin, Fearghus Filidh, agus na seana bhaird sin. Cha’n ’eil mi ’g iarraidh an traths’ air neach a chreidsinn gu ’n do shaoithrich no gu ’n do rugadh na daoine sin. Ach tha bardachd againn a tha air a h-ainmeachadh orra. Gheibhear a’ bhardachd ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich; ann an “Seann Dàna” Mhic-a-Ghobhainn; agus ann an “Leabhar-na-Feinne,” a chruinnich an Caimbeulach. Bu bhaird urramach a sgriobh a’ bhardachd so, cia b’e co iad; agus tha bhardachd a’ gabhail os laimh a bhi toirt cunntais air cleachduin ar sluaigh ann an linntibh céin. Cha ’n ’eil teagamh ’s am bith anns a’ chuis so; agus air son na bheil agam de ghnothuch rithe an traths’, cha dean e bheag de mhùthadh co-dhiu shniomh Mac Mhuirich ’us Mac-a-Ghobhainn “Oisean” as an cinn fein, no co-dhiu a sgriobh iad na chuala agus na chunnaic iad, air an doigh air an cuala agus air am faca iad e. II. ’Si an dara linn, an tìm fhada, dhorcha a tha ruigheachd o’n linn Oiseinich, mar dh’ fheudas sinn a radh, gu ruig dlù air trì cheud bliadhna roimh so. Gheibhear ar fiosrachadh mu ’n linn so anns an leabhar luachmhor ris an abrar “Leabhar Deadhan Lis-mhoir,” a dh’ eadar-theangaich an t-Olla Mac-Lachluinn an Dun-eideann, le mor-shaothair agus le mor-fhoghlum, o chionn coig bliadhna deug air fhichead. III. Tha ’n treas linn a’ toiseachadh le Mairi nighean Alastair Ruaidh dlù air tri cheud bliadhna roimhe so, agus a’ leantuinn a nuas g’ar latha fein. Gheibhear a mhor chuid de na tha nis a lathair de bhardachd na linne so ann an “Sar obair nam bard Gaidhealach” a chruinnich Iain Mac Coinnich o chionn da fhichead us sea-bliadhna-deug, agus ann an leabhraichean bardachd a chuireadh a mach o àm gu àm o chionn sea fichead bliadhna. (Ri leantuinn.) Cha lugha na mile eilean a tha timchioll air na h-eileanan Breatunnach, gun ghuth a thoirt air creagan agus cnapan beaga a tha ’g éiridh as a’ chuan. Bhàsaich na miltean de chrodh ’s de chaoraich ’s na Staitean an Iar leis an fhuachd a bh’ ann deireadh a mhios s’a chaidh. Gaidheil Ghlascho. CEILIDH NAN GAIDHEAL. Bha cuideachd mhor a’ chéilldh ann an Talla na h-Aithne air feasgar Di-sathuirne seo ’chaidh—Murchadh Màrtuinn, an ceannsuidhe anns a chathair. Fhuaras òraid bho Dhùghall Mac Phàil, Rùnair na Céilidh, air “Turus a dh’ Uidhist.” Thug an t-òradaich cunntas tlachdmhor air na seòladairean mara ’us tire feadh a thuruis agus air na beachd-smuaintean a bha ’g éiridh na inntinn ri bhi a’ beachdachadh as ùr air fònn ’us cuan. Thug e fa bheachd na cleachdaidhean, sgeulachdan, agus beachdan a tha nis air an diùltadh leis an òigridh air an tàinig briseadh eòlais. Thug e mar aon shamhla beachdan shaobh-chràbhach mu ’n teine-thionnachain (“ignis fatnus”), ri aghaidh soilleireachadh na h-eòlais. Thug Mr. Mac Phàil, aig crich na h-òraid, gniomh-dhearbhaidhean le innealan mhiotailte air mar dh’ fhaodadh an teine-thionnachain bhi air a dheanamh le uisge-ghineadair agus stubh shoillseachain (P. H., 3.) Labhair feadhainn de ’n chuideachd air an òraid, agus thugas taing chridheil do ’n òraidich. Air sin thilgeadh a’ Chéilidh fosgailt chum còmhraidh agus ceòlraidh. Bha Raonailt Nis Dhòmhnuill aig an inneal-chiùil a’ cumail fuinn ris na bàird, oir b’e òrain tharmaicht a bha uile air an gabhail an oidhche seo. Dh’ aithris Niall Mac ’Illeathain, Bàrd na Céilidh, òran a rainn e air luchd-dreuchd na Céilìdh—ag ainmeachadh gach fir air leth. Fhuaras dà òran bho Uilleam Mac Phàil, aon air a’ Ghaidhlig, agus aon air “Céilidh nan Gàidheal.” Thug Seumas Mac ’Illeathain, Bàrd Chomuinn Chlainn ’Illeathain, a’ chiad òran gaoil a rinn e. Dh’ ainmicheadh gur e Calum Domhnullach, o Dhun-breatunn, a bhitheas ’na òraidich aig a Chéilidh air Di-sathuirne seo ’tighinn (Ian. 30); agus labhraidh e air “Na Druidhean.” CEILIDH COMUNN GAIDHEAL NA H-ARD SGOIL. Choinnich luchd na Céilidh anns an àite ghnàthaichte air feasgar Dhi sathuirne so chaidh. Bha an t-Urramach Iain Mac Illeathain, ministeir eaglais Chaluim Chille, anns a’ chathair. B’ e Mr Donnachadh Mac Illiruaidh ceann-suidhe na Céilidh a b’ òraidiche an fheasgair so. Roghnaich e mar chuspair “An Gàidheal a Chànain agus a Litreachas.” Fhuair e na Gàidheil air tùs fada thall anns an àirde-’n ear; agus lean e iad gu dichiollach am feadh ’s a bha iad a’ siubhal air an ais ’us air an aghaidh air feadh na Roinn-Eòrpa, ’nuair a bha iad aig sith. Shònraich e mach gun do dh’ fhuilinn iad mòr chruaidh-chàs, ged a bha iad gu tric an uachdar anns a’ chomh-stri gu’n robh iad cora-uair fodha. Shònraich e mar an ceudna nach d’ thug feachd uaibhreach na Ròimhe riamh fo chis na Gàidheil ged a bha an cumhachd na aobhar eagail do dhùthchannan eile. Thug e iomradh air an eòlas a [TD 255] [Vol. 5. No. 33. p. 7] bha aig Gaidheil na h-Alba agus aig Gaidheil Eirinn air an t-Soisgeul ’nuair a bha a mhorchuid de ’n Roinn-Eòrpa ann an dorchadas mu thimchioll na teachdaireachd aoibhinn so. Anns an àite mu dheireadh bhruidhinn Mr Mac Illertuidh air litreachas nan Gaidheal. Lean e leabhraichean Gàidhlig ann an òrdugh an clo-bhualaidh nuas bho Leabhar-urnuigh Iain Knox anns a bhliadhna 1567. Thubhaìrt e gu ’n robh fhathast moran do litreachas neo-chlo-bhuailte anns a’ Ghaidhealtachd, agus gu’n ròbh e an dòchas nach b’ fhada gus am bitheadh tuille leabhraichean ri fhaotainn anns an t-seann chànain. Chord an òraid ris a Chéilidh gu h-anabarrach, agus thugadh taing chridheil do ’n fhear-labhairt. Cha robh gainne air luchd-ciùil air Di-sathuirne. Air an fheasgar so gheibhear òraid air “Cuid de bhàird Lathurna” bho Mhr Iain Mac Caluim ullachadh airson ’s gun seinnear àireamh de dh’ òrain nam bàrd air an labhair e, am feadh a bhitheas e a’ liubhairt na h-òraide.—Highland News. Sgeul Fear-imrich. Tha còrr agus fichead bliadhna bho’n a dh’ fhag mi Albainn agus an dùthaich ghràdhach sin, airson saorsa dhomh fein agus do m’ chloinn o’n fhòirneart agus o’n ainiochd a bha sinn a fulang bho’n luchd-riaghlaidh bheag a bha mar spòg-chat fo làmh nan ard-uachdran. Bha m’ uachdran a ghnàth math agus truacanta ri thuathanaich, ach gu bitheanta bha fear togail a mhàil agus na cleirich bheag eile a bha air an cur leis-san os cion na tuath, ain-iochdmhor, fein-spéiseil, agus cruaidh-chridheach. Thainig bliadhnachan cràiteach le gainne teachd-an-tir air cuid mhor do Ghàidhealtachd agus E leanaibh na h-Alba. Bha min airson bhochd air a toirt do ’n sgìreachd, agus bha dithis chleireach air an òrduchadh a chum a roinn air na feumaich. Bha an t-àrd chleireach na spalpaire de dhuine uasal “beag,” moralach, agus fein-speiseil. Bha mo thigh falamh de lòn air Di-satharn; dh’ fhalbh mi le airgiod claiche-mine do’n stòr, agus labhair mi ris a’ chleireach a b’ isle mar so: “Tha airgiod claiche-mine agam agus ma bheir thu dhomh clach eile, thig mi leis an airgiod air an ath sheachdain.” Thubhairt e rium; dol a dh’ ionnsuidh an àrd-chleirich airson orduigh. Rinn mi mar a dh’ iarr e orm; chaidh mi do sheòmar an àrd-chleirich, agus dh’ innis mi dha mar a dh’ innis mi do’n chelireach bheag. Le mor ùghdaras fhreagair e, “ge do thairgeadh tu deich sgilleanan Sasunnach air a chloich-mhine, cha’n fhaigheadh tu i. Tha min thubhairt e aig (fear nach ainmich mi an so) gheibh thu ’n sin na’s àill leat. Thill mi do ’n stòr agus thug an cleireach beag luach an airgid dhomh. Dh’fhalbh mi dhachaidh leis a chloich-mhine, agus air dhomh imeachd mu thimchioll ceathramh a mhile, chuala mi àrd-ghlaodh, agus sheas mi a dh’ fhaicinn co bha glaodhaich; chunnaic mi an cleireach beag a tighinn le mor chabhaig am dhéigh; dh’ fheòraich mi “ciod a bha dhith air.” “Tha ’chlach mhine a dhith orra,” thubhairt e, “cha toir an t-àrd-chleireach gràinne mine dhutsa. Thug e geur òrdugh dhomh do leantuinn na ’m b’ eigin e ’chum do thighe agus a mhin a thoirt bhuat.” Thug mi mhin dha agus thug e dhomh an t-airgiod air ais. ’S e anmoch Di-sathurn a ’bh’ ann; bha mo bhean agus mo chlann gun lòn airson na Sàbaid. Bha mi ’n càs cruaidh, ach dh’ fhuasgail Dia orm, oir thachair caraid orm a thug clach mhine dhomh airson mo theaghlaich. Rinn spiorad saorsa greim air m’ aigne bho ’n la sin. Thubhairt mi rium fhein nach bithinn am thràill na’s mo agns shuidhich mi mo chridhe air teachd do Chanada bho ’n am sin. B’e sin gu cinnteach an gniomh a b’ fhearr a rinn no b’ urrainn na cleirich ud a dheanamh dhomhsa, mor bhuidheachas do Dhia airson a mhaitheas do-labhairt dhomh fhein agus do m’ chloinn. Tha ceud agus tri-fichead acair agam de fhearan saor; tha ceithir eich agus cuing dhamh agam, maille ri crodh, caoraich agus mucan agam agus seachd mairt bhainne, ’s cha’n ’eil mi falamh de dh’ airgiod, ’s tha mi saor bho ainfhiach. Thubhairt caraid eile rium, (a bha ’n còmhnaidh air a bhachd ghainmhich mu ’n d’ fhàg mi Albainn): tha ceithir mic agam an sealbh air fearann saor, le làn stoc, each, a’s dhamh, a’s chruidh, a’s chaorach; agus gheibhinn sia ceud dollar air m’ fhacal an diugh anns a bhaile. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air ’adhart 35c., no tri airson dolair. CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t-seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. “Eagle Parlor” Matches Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe. Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, MONTREAL, TORONTO. [TD 256] [Vol. 5. No. 33. p. 8] An t-Eilean Sgiathanach. LE FEARGHAS MAC FHEARGHUIS, GRIANAIG. Tha m’ inntinn trom ’s ro airsnealach ’S cha’n annasach dhomh bròn Le smùid us stùr a’ bhaile so, ’S gun ach a’ chlach fo ’m bròig; ’S an oidhche bi mi ’m fhaireachadh, Le beachdachadh dha ’n dòigh, ’S cha dualach cadal maduinn dhomh Le glacadaich nan òrd, Thoir soraidh bhuam ’s na diochuimhnich Mu thriallas thu gun dàil ’Null do ’n eilean Sgiathanach, Mu ’n cuairt da ’n iadh an sàil’, ’S na faighinn mar bu mhiannach leam, B’e m’ iarrtus fein o’n àird’, Ri Conain a bhi criochaireachd Gu ’n d’ theid mo ghrian a bhàn. Shiubhail mi na tri rioghachdan ’Us bha mi ’n tirean céin ’S e eilean leam is inntinich A chi mi fein o’n ghréin, ’S ’a h-uile pòr a cinntinn ann ’S gach nith ni ’dhuine feum, Is ann a bha mo shinnsearan Feadh iomadh linn gun ’éis. Siod an t-eilean àrdanach ’S an deacha m’ àrach òg, Le mùirn ri glùn mo phàrantan, ’Us bàigh nach gabh dhomh clò, Ach ’s ann tha ’n diugh an fhàrdaich ud Na fàsach ’s i gun cheò, ’Us mise falbh na m’ anrachan ’S gach àit’ air son mo lòin. B’ òg ann a bha mi croitearachd, Ma uchdanan nan àird, Le na h-òighean luinneagach, Bu cuireidiche gnàs. ’S gun ghò gun lochd aon duine againn Ach ullamh gu ceòl gàir’, A falbh an cois na tuinne dhuinn ’S a cluich mu ’n “Chana Bhàn.” ’Nuair ’bhiodh a’ fhoghar sàbhailt’, ’S a bhiodh am bàrr ’o dhion, ’Sa h-uile ni cho goireasach, ’S gach lochan làn do dh’ iasg, Na h-iasgairean gu ’m bàtaichean, ’S gach bean ri stath cho dionn, ’Us gairm an eòin gu maduinneach, ’Toirt caismeachd dhaibh gu gniomh. Nuair ’bhiodh na linn ’s na h-acraichean ’S gach acfhuinn aca air bòrd, Sa h-uile fear cho cabhagach, A lasachadh nan ròp’, Cho aontaicheal na ’m breithnachadh, ’S neo mhearachdach na ’n dòigh, ’S b òg a bha mi ’beachdachadh Le aiteas air na seòid. Siod na laoich tha cunachdail ’S gun uireusuidh na’n snuadh, Mar leòghann chaill a cuileanan ’S gun choimeas dhaibh an cruas, Gun fhiamh gun sgàth ro fhrais orra Ged a bhagradh i le gruaim ’Stri ri co bu toisiche, ’S iad togarrach gu cuan. ’Nuair ligeadh iad gu siubhal iad ’Sa h-uile rud na àit’ Bu bhoidhche iad na na luinneas leam, ’N àm togail dhaibh on àird’ Le “crew” nach meataich udbhoil iad ’S tha fulannach gun sgàth, ’S cha ’n ’eòl dhomh de na chunna’ mi Cho cumachdail air sàl’. ’S bhon ’tha mo chiabh air tanachadh, ’S air gealadh air mo cheann, ’S e their iad rium gur h-aimeadas ’N uair theannas mi ri rann, Ach fhad ’sa chithear talamh leam, ’S bhios anail ann am chom, Cha sgithich mi bhi ’g aithais dhaibh Mu ’n eilean ud le fonn. Tha Tigh’n Fodham Eiridh. LUINNEAG. Tha tigh’n fodham, fodham, fodham, Tha tigh’n fodham, fodham, fodham, Tha tigh’n fodham, fodham, fodham, Tha tigh’n fodham éiridh. Sid an t-slàinte chùramach; Olamaid gu sunndach i; Deoch slàint’ an Ailein Mhùideartaich,— Mo dhùrachd dhuit gun éirich! Ged a bhiodh tu fada uam, Dh’ éireadh sunnd ’us aignidh orm, ’Nu’r chluinninn sgéul a b’ aite lium Air gaisgeach nan gniomh éuchdach. ’S ioma maidean bharrasach, G’a math d’ an tig an earrasaid, Eadar Baile Mhanaich agus Caolus Bharraidh, ’n déigh ort. Tha pàirt an Eilein Bheagram dhiubh, ’Us cuid ’s an Fhraing ’s ’san Eadailt dhiubh, ’S cha ’n eil latha teagaisg nach Bi ’n Cille-Pheadair tréud dhiubh. ’Nu’r chruinnicheadh am banal ad, Breid caol an càradh crannaig orra, Fallus air am malaichean A’ danns’ air ùrlar déile. ’Nu’r chiaradh air an fheasgar, gum bu Bheadarach do fhleasgaichean, Bhiodh pìoban mòr’ ’gan spreigeadh ann, ’Us feadanan ’gan gléusadh. Sgiobair ri la gaillinn thu A sheòladh cuan nam maranan, A bheireadh long an calachan Le spionnadh neart do thréun-fhear. Sgeul beag eile dhearbhadh leat, Gur sealgair sìthne ’n garbhlach thu, Le d’ chuilbheir caol, nach dearmadach, Air dearg-ghreigh nan ceann éatrom. B’ e sid an leòmhan aigionnach,— ’Nu’r nochdadh tu do bhaidealan, Lamh dhearg, ’us long, ’us bradanan, ’Nu’r ’lasadh meanmna ’d éudunn. MAC DHUGHAILL ’IC LACHUINN. POSAIDHEAN. Anns a “Bhellevue House,” an Sidni, air an 11 mh latha dhe ’n mhios, leis an Urr. I, F, Forbes, Domhnull Uilleam Moireastan, St. Esperit, agus Flòiri D. Nic Cuinn, Framboise. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; [TD 257] [Vol. 5. No. 34. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 27, 1897. No. 34. Na Marbhrannan. (Air a leantuinn.) Feudar gabhail seachad ann am beagan fhocal air an dara linn a dh’ ainmich mi. Cha ’n ’eil ar fiosrachadh mu dheidhinn ach easbhuidheach. Mar dh’ ainmich mi cheana, gheibhear aon chùnntas earbsach a tha againn mu Bhàrdachd na linne so anns an leabhar ris an abrar gu cumanta a nis “Leabhar Deadhan Lis-mhoir.” Chaidh an leabhar a sgriobhadh o chlonn tri-cheud-gu-leth bliadhna leis an Ridire Seumas Mac Griogair, Deadhan Lis mhoir, agus le Donnachadh a bhràthair—neach a bha e fein ’n a bhard, agus ’n a leth-sheirbheiseach, leth-chléireach d’a bhràthair, an Ridire,—’n a “dhaor-òglach,” mar thuirt e fein: “Duncha Deyr oclych mcDowle uec opne Reywich,” no mar a sgriobhamaid a nis: “Donnachadh, daor-òglach, mac Dhughaill mhic Iain Riabhaich.” Ged is iomadh leabhar de’n t-seòrsa a cha dh a reir coltais a sgriobhadh o shean anns a’ Ghàidhealtachd, cha ’n eil a bheag dhiu a nis ri fhaotainn. Ach gu fortanach ghleidheadh am fear so sàbhailte, ged nach ’eil fhios ciamar. O chionn dlù air ceud bliadhna fhuair Comunn Gaidhealach Lunuinn seilbh air an leabhar. Thug an Comunn so seachad e do Chomunn Gàidhealach Albainn an uair a bha an Comunn a’ rannsuchadh airson fianuis mu shaothair Oisein. Tha e nis, leis na chaidh de sheann leabhraichean de’n t-seòrsa a chruinneachadh, air a a ghleidheadh gu cùramach ann an Leabhar-lann an Luchd-tagraidh ann an Duneideann. Dh’ ath-sgriobh an sgoileir Gaidhlig ainmeil, Eobhan MacLachluinn nach maireann, an leabhar agus thug e cunntas seachad do Chomunn Gaidhealach Albainn mu thimchioll. Leugh ’us dh’ ath-sgriob ’us dh’ eadar-theangaich an t-Olla Tomas MacLachluinn an leabhar o chionn cuig-bliadhna-deug. Chaidh a chuid mhor dheth a chlo-bhualadh anns a bhliadhna 1862 mar a sgriobh Mac Griogair e fein e, leis a’ Ghàidhlig air a sgriobhadh ann an litrichadh ar latha-ne agus le sin a rìs air eadar-theangachadh do’n Bheurla, leis an Olla MacLachluinn. Sgriobh sgoileir Gàidhlig ainmeil eile, W. F. Skene, roimh-radh foghluimte do’n leabhar mu Eachdraidh agus mu litreachas nan Gàidheal o shean. Gheibhear an leabhar air a dheanamh suas mar so fo’n ainm The Book of the Dean of Lismore anns gach bùth leabhraichean. Bu shaothair chruaidh an leabhar a leughadh agus eadar-theangachadh. Fhuair agus thoill an t-Olla MacLachluinn cliù mor air son na saoithreach so. Tha cuid de’n phaipeir air caitheadh air chor agus nach urrainnear an sgriobhadh a leughadh. A ris cha ’n ’eil an lamh sgriobhaidh idir cho cumachdail agus a gheibhear gu tric ann an seann sgriobhaidhean. A thuilleadh air so, cha do ghnàthaich MacGriogair am modh-litreachaidh no eadhon na litrichean anns an robh a’ Ghàidhlig air a sgriobhadh ’n a linn. ’N ar seann sgriobhaidhean is e litrichean agus modh-litreachaidh nan Eirionnach a chleachd ar luchd-dùthcha. Ach ’s e litrichean na Beurla a ghnàthaich MacGriogair anns an sgriobhadh so; agus litrich e na focail mar a b’fhearr a b’urrainn d’a, a reir am fuaim. A rìs tha moran de na focail a bha cumanta anns an là ud a tha nis air chall. Feudar a thuigsinn ma ta nach bu ghniomh soirbh an sgriobhadh a leughadh no idir an sgriodhadh a thuigsinn. Tha “Leabhar Deadhan Lismhoir” ro luachmhor airson aobhar no dhà. Cha mhor nach bardachd e uile gu léir. Is anns an leabhar so a mhain a gheibh sinn cùnntas earbsach air a ghné bhàrdachd a bha am beul Gàidheil an la ud. Sgriobh MacGriogair na dh’ amais air de’n bhàrdachd a bha siubhlach am measg an t-sluaigh ’na latha fein mar a sgriobh Caimbeulach Ile Sgeulachdan ar latha-ne. Cha do rannsaich Mac Griogair airson bàrdachd cho dlù no cho farsuing agus a rannsuich an Caimbeulach airson sgeulachdan. Ach cha ’n ’eil teagamh nach faighear anns an leabhar a bhardachd a bha, tri-cheud-gu-leth us ceithir cheud bliadhna roimhe so, ’lionadh an àite a tha Mac-Mhaighstir-Alastair, Donnachadh Bàn, agus Dùghal Buchannan a’ lionadh ’n ar latha-ne. Tha roinn de’n bhàrdachd air a h-ainmeachadh air Oisean. Tha roinn eile dh’i a tha air ainmeachadh air ùghdair eile mu thimchioll euchdan nam Fiann. Tha e fior nach faighear anns an leabhar uiread agus aon sreath, focal air fhocal, cosmhuil ri sreath ann an “Oisean” MhicMhuirich. Ach tha ’n leabhar ’n a dhearbhadh nach aich’ear gu’n robh bàrrdachd na Féinne am beul an t-sluaigh o chionn ceithir cheud bliadhna, agus gu’n robh bàrdachd, bàird ’us sgoilearachd Ghàidhealach anns an àm sin cumanta ’n ar tìr. Tha aon ni eile gu sònruichte anns a’ bheil leabhar “Deadhan Lis-mhoir’ ro luachmhor. Tha e toirt seachad dearbhadh gu’n robh a Ghàidhlig Albannach air a giallachd—co-dhiu air a seinn anns an àm ud. Amach o’n leabhar so is ann sa Ghàidhlig Eirionnaich a tha ar seann leabhraichean air an sgriobhadh; agus their cuid nach ’eil anns a’ Ghàidhlig Albannach ach meur no nighean de’n Ghàidhlig Eirionnaich a rugadh o chionn beagan cheudan bliadhna. Cha ’n eil so fior. Gheibher Gàidhlig Eirionnach agus Gàidhlig Albannach anns an leabhar. Is dà phiuthar—clann na h-aon mhàthar—an dà-chànain. Ach chuir iad suas tigheadas air leth o chionn còrr ’us mile-gu-leth bliadhna, ged ghleidh iad deigh chàirdeas mar thigeadh do choimhearsnaich agus do pheathraichean. Thuigeadh iad a cheile ri linn Chaluim Chille: ach cha robh tuilleidh ann. Bha chùis mar sin an uair a sgriobhadh an leabhar so; agus tha chùis mar sin an diugh. A mach o’n bhàrdachd a tha air a h-ainmeachadh air Oisean, cha bhuinneadh a bheag de na tha ri fhaotatnn anns an leabhar moran urraim. Ann an coimeas ris a’ bhàrdachd Oiseinich, agus ris a bhàrdaahd Ghàidhealaich a tha againn o’n àm sin, tha leabhar Deadhan Lis-mhoir comharraichte gu sònruichte air son dà ni. ’Se sin cho tearc agus a tha Marbhrannan; agus cho lionmhor agus a tha Aoirean gu sònruichte air mnathan agus air sagartan. Ma tha bhàrdachd so a toirt seachad cùnntas creideasach air caithe-beatha nan làithean ud, thainig atharrachadh mor air na mnathan Gàidhealach a chum na cuid is measa o linn Oisein, agus air na sagartan o linn Chaluim Chille. Agus a dh’ aindeoin darnndail ar luchd gearain thainig, taing do’n Fhreasdal, atharrachadh mor a chum na cuid is fearr air mnathan, air sagartan, agus air ministeirean na Gàidhealtachd o’n àm ud. So eisempleir air “Cumhachan” na linne a rinn Eafric NicCoreadail air MacNeill Dhun-Suibhne: “A phaidrein a dhùisg no ghàir, Ionmhuinn mar a bhi ort, Ionmhuinn cridhe failteach fial, G’an robh riamh gus an nochd, D’a eug is tuirseach a taim, An laimh mum bidhte gach uair, Nach cluinnean e bhi an clì, Agus nach faiceadh e uam; Mo chridhe-sa is tinn a ta, O tig crioch an la dhuinn Goirid a dh’ éisd r’a ghlòir, Ri focalaibh an òige ùir; Beul aitheasach da ’m bu shèimh glòir, Dh’ aithnichteadh a ghuth ’s gach tìr, Leomhan Mhuile ’u am mùr geala, Seabhag Ile nam magh nìne; Fear a b’ fhearr meodhar air daoine, O nach deachaidh daimh gun diol, Toiseach deagh eanach suairce seimh, Aig am faighteadh mèin mhic righ,” &c. —D. M‘K. ’sa Ghaidheal, 1877. [TD 258] [Vol. 5. No. 34. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. V.—EACHDRAIDH AN IASGAIR. Ach bha ard-chomhairleach an righ ’na dhuine sanntach, farmadach, agus gu nadarra comasach air iomadh gnothach eucorach a dheanamh. Cha b’ urrainn da gun fharmad a bhith air an uair a chunnaic e mar a bha ’n righ a’ sior nochdadh caoimhneis is fabhair do ’n lighiche, agus air an aobhar sin chuir e roimhe gu ’n deanadh e gach ni ’na chomas gus cridhe an righ a thionndadh an aghaidh an lighiche. A chum so a dheanamh chaidh e a dh’ aon ghnothach far an robh an righ, agus thuirt e ris, gu’n robh e air son comhairle a thoirt air a thaobh ni a bha anabarrach cudthromach. An uair a dh’ fheoraich an righ ciod a bh’ ann, thuirt e ris,—“Le ’r cead, a righ, tha e ’na ghnothach gle chunnartach dhuibhse a bhith ’cur earbsa ann an duine sam bith gus an dearbh sibh gur duine dileas e. Ged a tha sibh a’ nochdadh iomadh fabhar do Dhouban, an lighiche, agus ’ga ghabhail mar bhur dluth-chompanach, tha e cheart cho docha nach ’eil ann ach am mealltair a’s mo a tha beo. Cha rachainn an urras nach ann gus sibhse a chur gu bas a thainig e do ’n luchairt.” “Co bha ’g innseadh sin dhut?” ars’ an righ. “Am bheil thu ’gabhail ort fhein a radh, gu bheil an fhirinn agad? Thoir an aire co ris a tha thu ’bruidhinn, agus cuimhnich gu bheil thu ’g innseadh dhomhsa rud nach ’eil soirbh dhomh a chreidsinn.” “Le ’r cead,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “dh’ innis urra gle chinnteach dhomhsa na bheil mise ag innseadh dhuibhse; air an aobhar sin, cha ’n ’eil e sabhailte dhuibhse an corr earbsa a chur anns an duine. Tha eagal orm gu bheil sibh ’n ’ur cadal. Ma tha, duisgibh gu grad. Tha mi ag innseadh dhuibh aon uair eile, nach d’ thug dad air Douban, an lighiche, tighinn an so as a’ Ghreig, ach a chum gu ’n deanadh e oirbhse an gniomh oillteil sin air an d’thug mi iomradh.” “Cha ’n ’eil mi ’creidsinn facal de na bheil thu ’g radh,” ars’ an righ. “Tha mi deimhin nach ’eil duine eile anns an t-saoghal a’s fhearr agus a’s beusaiche na ’n duine, ged a tha toil agadsa a dheanamh am mach, gur e duine eucorach, mealltach, a th’ ann. Agus cha ’n ’eil duine an diugh beo de ’m bheil uiread de thlachd agam. Tha fhios agad gu ’n do leighis e mise ann an doigh iongantaich; agus na ’m biodh toil aige mo chur gu bas, cha ’n ’eil mi faicinn c’arson a leighiseadh e mi. Dh’ fhoghnadh dha leigeadh leam mar a bha mi. Cha b’ urrainn dhomh a bhith beo; oir bha mi gu math dluth air a’ bhas. Grad sguir, ma ta, de bhith ’g am lionadh le droch amhrusan. An aite bhith ’toirt cluaise dhut, tha mi ag innseadh dhut, gu bheil mi suidhichte gu ’n toir mi mile bonn airgid ’s a’ mhios de ’n duine mhor ud fad uile laithean a bheatha. Agus ged a bheirinn leith na rioghachd dha, cha phaigheadh e na rinn e de mhath dhomh. Tha mi ’faicinn gur e cho fior mhath ’s a tha e a tha ’toirt ortsa a bhith cho farmadach ris ’s a tha thu. Na bi ’smaointean gu ’n creid mise droch sgeul sam bith air. Tha mi ’cuimhneachadh gle mhath mar a thuirt an t-ard-chomhairleach ri righ Sinbad, a mhaighstir, gus a chumail air ais o a mhac a chur gu bas.” “Le ’r cead, a righ,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “tha mi an dochas gu ’n toir sibh mathanas dhomh a chionn a bhith cho dana ’s gu feoraich mi dhibh ciod a thuirt an t-ard-chomhairleach ri righ Sinbad a chum toirt air nach cuireadh e a mhac gu bas.” “Innsidh mi sin dhut,” ars’ an righ. An uair a chuir an t-ard-chomhairleach ud Sinbad, an righ, ’na fhaireachadh air eagal, air chomhairle a mhathar-cheile, gu ’n deanadh e gniomh air son am biodh aithreachas air, dh’ innis e dha an sgeul so:— Bha duine araidh ann aig an robh bean mhaiseach, agus bha tlachd cho mor aige dhi ’s gur gann a leigeadh e as a shealladh i. Air latha araidh thachair gu ’n robh aige ri falbh o ’n taigh air gnothach gle chudthromach, agus mu ’n d’ fhalbh e cheannaich e, o fhear a bha reic a h-uile seorsa eun, pioghaid, nach e mhain a bhruidhneadh gle mhath, ach mar an ceudna, a dh’ innseadh gu saor, soilleir a h-uile rud a chitheadh ’s a chluineadh i. Dh’ fhag e a’ phioghaid aig a mhnaoi, agus dh’ iarr e oirre a cumail anns an t-seomar aige fhein, agus curam math a ghabhail dhith gus an tilleadh e. An uair a thill e dhachaidh, dh’ fheoraich e de ’n phioghaid mu gach ni a chunnaic ’s a chuala i fad ’s a bha e air falbh. Dh’ innis i dha iomadh ni mu thimchioll na mna nach do chord ris. Gharg-chronaich e a bhean air son cho neo-dhileas ’s a bha i dha fhad ’s a bha e air falbh. Cha ’n aidicheadh a bhean gu ’n d’ rinn i ni sam bith cearr, ged a bha i ciontach. Bha i ’n duil an toiseach gur e na seirbhisich a dh’ innis dha an obair a bh’ aice fhad ’s a bha e air falbh. Ach thug a h-uile aon duibh am mionnan nach d’ innis iad facal riamh oirre. Agus thuirt iad rithe gu robh iad cinnteach gur i a’ phioghaid a bha ris an innsearachd. A chum toirt air fear an taighe nach biodh e ag eudach rithe tuilleadh, bhuail e anns a’ cheann aice, gu feuchadh i ri toirt air a chreidsinn, nach robh anns na dh’innis a’ phioghaid dha ach na breugan. A’ cheud uair a dh’ fhalbh fear-an-taighe air turus o ’n taigh, thug i air fear da na seirbhisich teannadh ri bleith brathann fo ’n aite anns an robh a’ phioghaid an crochadh anns a’ chliabh; thug i air fear eile a bhith crathadh uisge air a’ chliabh; agus thug i air an treas fear sgathan fhaotainn, agus a bhith ’g a ghluasad a null ’s a nall mu choinneamh na coillne, a chum gu ’n tilgeadh e an solus mu shuilean na pioghaid. Bha iad ris an obair so earrann mhor de ’n oidhche, agus chaidh iad rithe gle sgoinneil. An ath oidhche, an uair a thill fear-an-taighe dhachaidh, cheasnaich e a’ phioghaid mu thimchioll gach ni a thachair fhad ’s a bha e air falbh. “A dheadh mhaighstir,” ars’ ise, “cha ’n ’eil e ’n comas dhomh cainnt a chur air na dh’ fhuiling mi fad na h-oidhche leis na bh’ ann de dhealanaich ’s de thairneinich ’s de dh’ uisge.” O ’n a bha fhios aig fear-an-taighe nach robh aon chuid dealanaich, no tairneinich, no uisge ann, smaoinich e nach robh aig a’ phioghaid ach na breugan, an uair a thug i dha droch sgeul air a mhnaoi. Rug e oirre, agus mharbh e i. Ach ’na dheigh sin fhuair e am mach nach robh aig a’ phioghaid ach an tul-fhirinn; agus bha aithreachas gu leor air a chionn gu ’n do mharbh e i. An uair a chriochnaich an righ Greugach an naigheachd mu ’n phioghaid (ars’ an t-iasgair ris an fhathach), thuirt e ris an ard-chomhairleach, “O ’n a tha fuath agadsa do Dhouban, an lighiche, ged nach d’ rinn e cron riamh ort, is e do mhiann gu ’n cuirinn-sa gu bas e. Ach bheir mi an aire nach dean mi sin, air eagal gu ’m bi aithreachas orra mar a bh’ air an fhear ‘ a mharbh a’ phioghaid.” Ged a dh’ eisd an t-ard-chomhairleach ris na briathran so, bha e cho lan de ’n olc ’s gu robh e suidhichte gu ’n tugadh e air an righ Douban a chur gu bas. “Le ’r cead, a righ,” ars’ esan, “cha robh ann am bas na pioghaid ach ni suarach, agus tha mi ’creidsinn nach robh a maighstir fada ’g a caoidh. Ach car son a chumadh eagal gu ’n deanadh sibh olc air duine neo-chiontach sibhse o chur an lighiche gu bas? Tha barantas gu leor agaibh air son a chur gu bas an uair a tha e air innseadh dhuibh, gu bheil a run air bhur beatha a thoirt air falbh. A chum beatha ’n righ a chaomhnadh, bu choir gu ’n gabhtadh amhrus mar dhearbhadh cinnteach. Is fhearr, an neo-chiontach a chur gu bas na ’n ciontach a leigeadh as. Ach, le ’r cead, cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ’eil Douban suidhichte air sibhse a chur gu bas. Cha ’n e farmad a tha ’toirt ormsa a bhith cho fada ’na aghaidh idir. Is ann a tha mi air mo lionadh cho mor le eud is le curam mu thimchioll bhur beatha-se ’s nach urrainn domh gu ’n chomhairle a thoirt oirbh. Ma tha mo bheachd mearachdach, is math an airidh peanas a dheanamh orm mar a rinneadh air ard-chomhairleach a bh’ ann o chionn fada, an uair a rinn e olc.” “Ciod an t-olc a rinn an t-ard-chomhairleach,” ars’ an righ Greugach. “Innsidh mi sin duibh, ma ’s aill leibh eisdeachd rium. Bha righ ann o chionn fada aig an robh mac a bha deidheil air a bhith sealgaireachd cho tric ’s a thogradh e; ach thug e teann ordugh do ’n ard-chomhairleach a bhith dol comhladh ri’ mhac a h-uile latha do ’n bheinn-sheilg, agus gun e ’ga leigeadh as a shealladh air chor sam bith.” Air latha araidh, an uair a bha iad ’s a’ bheinn-sheilg, lean mac an righ an deigh [TD 259] [Vol. 5. No. 34. p. 3] aon de na feidh cho fada ’s gu ’n do chaill e a rathad. Bha e ’n duil gu robh an t-ard-chomhairleach ’g a leantuinn. Ach cha robh suil aig an ard-chomhairleach air mar bu choir dha. An uair a thuig e gu ’n deachaidh e iomrall anns a’ bheinn, dh’ fheuch e ris an rathad cheart a dheanamh am mach; ach cha b’ urrainn da. Mharcaich e, sios is suas feuch an amaiseadh e air an rathad cheart; ach cha ’n amaiseadh. Chunnaic e boirionnach anabarrach maiseach ’na suidhe ri taobh an rathaid ’s i sior chaoineadh. Stad e leis an each, agus dh’ fheoraich e dhi co i, agus cia mar a thachair dhi a bhith anns an aite aonaranach ud. “Is mise,” ars’ ise, “nighinn righ nan Innsean. An uair a bha mi marcachd an so thainig an cadal orm, agus thuit mi bhar an eich. Thug an t-each e fhein as, agus dh’ fhag e an so mi.” Ghabh mac an righ truas dhi, agus dh’ iarr e oirre suidhe air a chulaobh air muin an eich. Rinn i so gu toilichte. An uair a bha iad a’ dol seachad air taigh a bha air tuiceam, thuirt am boirionnach ris, gu robh toil aice tighinn air lar. Thainig ise bhar muin an eich an toiseach; ’na dheigh sin thainig esan air lar; agus choisich e leis an each, agus e air shrein aige, suas a dh’ ionnsuidh un taighe. Ach faodar a thuigsinn gu robh ioghnadh mor air an uair a chuala e ise, an deis dhi a dhol a steach, ag radh, “A chlann, thug mi duine og, maiseach, a tha gle reamhar, do ’r n-ionnsuidh.” Ghrad thuirt iadsan, “A mhathair, c’ait am bheil e, a chum gu ’n ith sinn anns a’ mhionaid e; oir tha ’n t-acras mor oirnn.” An uair a chuala mac an righ so, thuig e gu robh e ann an cunnart, agus nach robh anns a’ bhoirionnach ach te a bha ’fuireach ann an aite uaigneach, agus a’ tighinn beo air feoil dhaoine a bha i ’toirt a dh’ ionnsuidh an taighe leis na caran. Cho luath ’s a b’ urrainn da leum e air main an eich gu falbh dhachaidh. Anns a’ cheart mhionaid thainig i am mach as an taigh, agus an uair a chunnaic i gu robh mac an righ a’ falbh, thuirt i, “Na biodh eagal sam bith ort. Co thu? Co tha thu ’g iarraidh?” “Chaill mi mo rathad,” ars’ esan, “agus tha mi ’feuchainn am faigh mi e.” “Ma chaill thu do rathad,” ars’ ise, “cuir thu fhein air curam Dhe, agus bheir e fuasgladh dhut ’na d’ eiginn.” An sin thog mac an righ a shuilean suas gu neamh, agus thuirt e, “A Thighearn Uile-chumhachdaich, amhairc orm, agus saor mi o ’n namhaid so.” An uair a chuala am boirionnach so, thill i steach do ’n taigh. Mharcaich mac an righ air falbh cho luath ’s a’ b’ urrainn da. Gu fortanach dh’ amais e air an rathad, agus rainig e taigh ’athar gu sabhailte. Dh’ innis e ’dha athair a h-uile car mar a dh’ eirich dha air shailleamh gu ’n do dhearmad an t-ard-chomhairleach suil a chumail air mar a dh’ iarradh air. An uair a chuala an righ so, dh’ orduich e an t-ard-chomhairleach a bhith air a chur gu bas. “Le ’r cead a righ,” ars’ ard-chomhairleach an righ Ghreugaich, “mur toir sibse an aire mhath, faodaidh an t-earbsa a tha sibh a’ cur ann an Douban, an lighiche, am bas a thoirt dhuibh an uine ghoirid. Tha mise lan-chinnteach nach ’eil ann ach fear-brathaidh a chuir bhur naimhdean do ’n rioghachd a chum bhur beatha ’thoirt air falbh. Tha sibh ag radh, gu ’n do leighis e sibh; ach, mo chreach, co is urrainn a bhith cinnteach? A reir choltais is docha gu ’n do leighis e sibh; ach co aige tha fios nach cuir na cungaidhean a thug e dhuibh am bas oirbh air a’ cheann mu dheireadh.” Bha ’n righ Greugach gu nadarra ’na dhuine anns nach robh a’ bheag de thur, agus air an aobhar sin, cha robh e comasach air na cuilbheartan a bh’ anns an ard-chomhairleach a thuigsinn. Agus cha mho na sin a bha e comasach air seasamh ri ’bheachdan fhein. Chuir briathran an ard-chomhairlich gu mor as a bharail e. “Ard-chomhairlich,” ars’ esan, “tha thu ceart. Faodaidh gu ’n d’ thainig e a dh’ aon ghnothach gus mo bheatha ’thoirt air falbh. Is docha gu ’n teid aige air sin a dheanamh le faileadh cuid de na cungaidhean a tha e’ gnathachadh. Feumaidh sinn smaointean ciod an doigh a’s fhearr dhuinn a ghnathachadh anns a’ chuis.” An uair a chunnaic an t-ard-chomhairleach gu ’n d’ aontaich an righ leis, thuirt e, “Le ’r cead, a righ, is e an doigh a’s cinntiche agus a’s ealamha air bhur beatha a shabhaladh, fios a chur air Douban, an lighiche, agus ordugh a thoirt seachad an ceann a chur dheth cho luath ’s a thig e.” “Gu firinneach ceart,” ars’ an righ, “tha mi ’creidsinn gur e sin an doigh air a chumail o chron a dheanamh.” An uair a thuirt e so, chuir e fios air fear de na saighdearan, agus dh’ ordaich e dha a dhol air thoir an lighiche. Thainig an lighiche gun dail sam bith ’s gun fhios aige c’ar son a chuireadh fios air. “Am bheil fhios agad,” ars’ an righ, “c’ar son a chuireadh fios ort?” “Cha ’n ’eil,” ars’ esan. “Tha mi feitheamh gus am faic sibh iomchuidh fios a thoirt dhomh.” “Chuir mi fios ort a chum gu ’n tugainn do bheatha dhiot,” ars’ an righ. Cha ghabh e innseadh an t-ioghnadh a chuir na briathran so air an lighiche. “Le ’r cead, a righ, c’ar son a bheireadh sibh mo bheatha dhiom? Ciod an t-olc a chuir mi ’n gniomh?” ars’ esan. “Tha e air innseadh dhomhsa le urra chinnteach, gur ann gus mo bheatha a thoirt air falbh a thainig thu do m’ luchairt; agus a chum bacadh a chur air do dhroch run, bheir mise air falbh do bheatha-sa. Thoir buille dha,” ars’ an righ, ris an fhear a bha gus a mharbhadh, “agus saor mise o ’n mhealltair thruaillidh a thainig an so gus mo chur gu bas.” An uair a chuala an lighiche an t-ordugh cruaidh-chridheach a thug an righ seachad, thuig e ’s a’ mhionaid gu ’n do choisinn an urram agus na fhuair e o ’n righ de dh’ airgiod, naimhdeas is mirun dha, agus gu ’n do chuireadh droch comhairlean ann an ceann an righ. Ghabh e aithreachas a chionn an righ a leigheas o ’n luibhre; ach cha deanadh aithreachas feum dha. “An ann mar so,” ars’ esan ris an righ, “a tha sibh ’dol ’gam phaigheadh air son bhur leigheas?” Cha ’n eisdeadh an righ ris, ach thug e ordugh an dara uair do ’n fhear a bha gus a mharbhadh buill a thoirt dha. Mu dheireadh, ghuidh an lighiche air e leigeadh a bheatha leis, “Och, a righ,” ars’ esan, “thoir dhomh fad-laithean, agus bheir Dia dhutsa fad-laithean. Na cuir gu bas mi, air eagal gu ’n cuir Dia thusa gu bas.” Stad an t-iasgair a dh’ innseadh na naigheachd do ’n fhathach, agus thuirt e ris; “A nis, ’fhathaich, tha thu ’faicinn gu ’n do thachair dhomhsa agus dhutsa direach mar a thachair do Dhouban agus do ’n righ Ghreugach.” “An aite eisdeachd a thoirt do ’n lighiche (ars’ an t-iasgair ’s e dol air aghaidh leis an naigheachd), an uair a ghuidh e gu durachdach air gu ’n caomhnadh e a bheatha dha, is ann a thuirt an righ Greugach ris, “Feumaidh mi do chur gu bas, ar neo is docha gu ’n toir thusa air falbh mo bheatha-sa leis a’ cheart innleachd leis an do leighis thu mi.” Thoisich an lighiche ri gul ’s ri caoidh ’s ri gearain air an euceart a bha ’n righ a’ deanamh air, an deis na rinn e dha de mhath an uair a leighis e e. Cheangail am fear a bha gus a mharbhadh aodach m’ a shuilean, agus cheangail e a lamhan, agus bha e ’dol a thoirt a chinn deth leis a’ chlaidheamh. Bha uaislean na luchairt an lathair, agus air dhaibh truais mor a ghabhail ris an lighiche, ghuidh iad air an righ mathanas a thoirt dha, agus bha iad a’ dol an urras do ’n righ nach robh e ciontach de ’n olc a bh’ air a chur as a leith, ach cha gheilleadh an righ dhaibh am muigh no ’mach. Fhreagair e iad cho garg ’s nach leigeadh an t-eagal dhaibh facal tuilleadh a radh ris mu ’n chuis. Bha ’n lighiche air a ghluinean ’s a shuilean ’s a lamhan air ceangal, agus bha am fear a bha ’dol ’g a mharbhadh ’na sheasamh ’s e deas gus an ceann a chur dheth. Thuirt an lighiche ris an righ, “Le ’r cead, a righ, o ’n a tha sibh suidhichte gu ’n cuir sibh mise gu bas, tha mi ’g iarraidh de dh’ fhabhar oirbh gu ’n leig sibh leam a dhol dhachaidh, a chum gu ’n toir mi ordugh seachad mu thimchioll mar is coir dhaibh m’ adhlacadh. Bu mhath leam mo bheannachd fhagail aig daoine a dheanadh feum math dhiubh. Tha aon leabhar agam a bhithinn (Air a leantuinn air taobh 262.) [TD 260] [Vol. 5. No. 34. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, FEBRUARAIDH 27, 1897. Chaochail Seumas MacGhriogair, ceann-feadhna “Chloinn Dhùghaill Chiar.” faisg air Auchterander an Alba, air an 26mh latha dhe’n mhios s’a chaidh. B’e an darra glùn deug bho Dhùghall Ciar, agus b’e an t-aon mu dheireadh de shliochd “Ghriogair na Glùine Duibhe,” a bha ’na chòirneal aig Prionnsa Tearlach ’sa bhliadhna 1745. Bha an teaghlach an seilbh an oighreachd Ghlinn-guill gus a bhliadhna 1860, ’nuair a chreic am fear so i ri Griogarach eile. Re nam bliadhnaichean mu dheireadh de bheatha, cha robh e ach gle bhochd ’na chrannchur. Bha e tri fichead us naodh bliadhna deug a dh’ aois. Cha ’n eil sgeul ùr no annasach sam bith a’ tigh’nn á Cuba air an t-seachdain so. Tha an cogadh a’ dol air adhart, agus cha ’n eil e ro choltach gu ’n tig e gu crich a dh’ aithghearr. Tha an Spainn gun teagamh an deigh na ’s urrainn di a dheanamh, agus ma sheasas na ceannaircich a mach beagan na ’s fhaide, rud a ni iad ma ’s comasach sin daibh, bheir iad buaidh oirre. B’ fhearr gu ’n rachadh a’ chùis an darra taobh, oir tha ’n saoghal seachd sgith a bhi cluinntinn mu na blàraibh fuilteach a thatar a cur, agus mu ’n léir-sgrios a thatar a’ deanamh air duthaich a tha gu nàdurra cho torrach ’s cho tiorail ri dùthaich fo ’n ghaéin. A reir choltais, tha aig na Creteich ri bhi fo chuing thràilleil na Tuirce treis a dh’ ùine fhathast; bhac na rioghachdan mora do ’n Ghréig a dhol eadar an Tuirc agus a cuid iochdaran. Bha cabhlach de shoithichean-cogaidh air an cur gu Canea, an Crete, agus air do bhlàr a bhi ’dol air adhart eadar na Creteich agus na Turcaich, ghabh na soithichean pàirt nan Turcach, agus loisg iad air na Creiteich gus am b’ fheudar dhaibh toirt suas. Theagamh gur e sin bu chòir dhaibh a dheanamh air sgàth sith na Roinn-Eorpa a ghleidheadh, ach tha moran sluaigh, gu h-àraidh ann am Breatunn, a tha gle mhi-riaraichte leis mar a rinneadh. Tha iad sin a’ smaoineachadh gu ’m bu chòir an t-eilean a thoirt bho na Turcaich agus a chur fo riaghladh na Gréige, agus gu ’m bu chòir a dheanamh gun dàil sam bith. Gaidheal Ghlascho. Aig a’ Chéilidh ann an Talla na h-Aithne air feasgar Di-sathuirne (Ian. 23) thug Calum Dòmhnullach, ’o Dhun-breatun, òraid air “Na Druidhean.” Bha Murchadh Màrtuinn an Ceann-suidhe, anns a chathair. Thubhairt an t-òraidich gu’n robh tri puingean sònraicht a thainig fa chomhair beachd an duine cho luath ’us a thòisich e air smuaineachadh. (1) Gu ’n do bheachdaich e air fhéin; (2) air an t-saoghal anns an d’ fhuair e e-fhéin air shuidheachadh, agus anns am fac e òrdugh ’us riaghailt a’ comharrachadh a mach rùin agus aobhair; agus (3) gun robh na co-dhùnaidhean gus an tug a’ chiad dà phuing e ga thoirt gus a cho-dhùnadh gun robh cumhachdach a’ chruthachadh agus a’ cumail freasdail chum ruin shònraichte, agus gun d’ éirich bho ’n cho-dhùnadh seo iarrtas ’an cridh dhaoine chum a bhi ’sireadh Dhé. A’ tionndadh gus na Druidhean, agus gu ’n eachdraidh, thubhairt an t-òraidiche gun robh cuid dhe ’n bheachd gun robh cuid dhe ’n bheachd gun robh creideimh nan Druidhean cho sean agus cho glan ri creideamh Abrahaim; gum b’ e creideimh nam Breatunnach aig teachd nan Roimhich (55, B.C.); agus gun do ghleidh e ’àite anns a’ Ghàidhealteachd gus an deach cur as dà le buaidh an t-Soisgeil fodh theagasg Chaluim Chille. Dh’ ainmich e ceithir ceuman ann am foghlum nan Druidhean. Bha ’m foghlum ach a’ faighinn air a cheud ceum gu bhi ’n a Eubagdreuchd mu’m beil caochladh bheachd, ach ann am beachd an òraidiche bha ’n a dhreuchd a bhe teagasg cloinne. B’ e ’n dara ceum gu bhi ’n a Sheanachaidh. An treas, na Bhàrd; agus as na Bàird bha na Druidhean air an taghadh. Chaidh e air aghart a beachdachadh gun robh iad a creidsinn ann am bithbhuantachd aon, na air chaochladh; ann an taibhsean, ’s ann an sithichean. Gun robh na briathran agus na gnàthan-aoraidh uile air an cumail ann am meadhair, agus nach robh sgoil-litrichais aca idir. Cha robh e dhe ’n bheachd gun robh iad ag iobradh nam beò, ach gun robh an luchd-eachdraidh Roimheach a bha ’g aithris sin a’ togail am beachd bho’n doigh uaigneach anns an robh na Druidhean ag oibreachadh, gu h-àraidh bho ’n cleachdadh bh’ aca bhi a’ losgadh nam marbh. Mhìnich e moran de na gnàthan agus de na h-ainmean de ’m bheil iarmad ann an cleachdadh gus an lath’ an diugh. Labhair pàirt de luchd ne céilidh am beachd; agus thugadh taing chridheil do ’n òraidiche. Chaidh a’ chuid eile de ’n fheasgar a chur seachad a’ còmhradh, ri ceòl ’us òrain. STOR UR TAILLEARACHD, Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair, MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 261] [Vol. 5. No. 34. p. 5] NAIDHEACHDAN. ’Se Di-ciaduin s’a tighinn a’ cheud latha dhe ’n charghus. Bidh a’ chàisg gu math anmoch air an earrach so, air an 18mh latha de dh’ April. Bhatar a’ taghadh fir-pàrlamaid ann an St. Boniface, am Manitoba, a sheachdain gus an diugh. Fhuair Luzon, an conservative, a stigh le 192 bhòt a bharrachd air Bertrand, an liberal. Bha an soitheach-smùide Stanley, a tha ruith eadar Pictou us Georgetown re an gheamhraidh, an sàs anns an deigh mu ochd mile bho eilean Chariboo fad còrr us seachdain. Cha ’n eil fhios an d’ fhuair i aisde fhathast. Tha tinneas neònach air tigh’nn am measg nan caorach ann an Ontario, a tha cur iomguin mhor air na tuathanaich. Mu ’m bàsaich na caoraich tha an craicionn a’ fàs dubh, agus nuair a dh’ fhosglair iad, tha an fheòil mar gu ’m biodh i air grodadh. Tha an sgoil a’s motha th’ air an t-saoghal air a cumail ann an teis meadhon baile-mor Lunnainn, agus fo chùram Mhorair Rothschild. Tha coig mile deug air fhichead de chloinn bhochda Iudhach a faotainn foghlum innte, agus a h-uile bliadhna tha gach aon dhiubh a faighinn deise no dha aodaich mar ghibht o’n duin’-uasal cheudna. Bha na mèinneadairean ann an Springhill an oidhche roimhe a taghadh dotair gu bhi aca ’n àite ’n Dotair Mhic Aidh, a chaochail o chionn ghoirid, agus thagh iad an Dotair R. L. Murray, a bha roimhe so am Pictou. Is bràthair e do ’n Onarach Deòrsa Murray, Priomhair Nobha Scotia, agus fhuair e bhreith us àrach anns a Mheinn a Tuath. Tha McGowan, am fear a chuireadh an greim aig Dundas, E. P. I., deireadh an fhoghair s’a chaidh, air son mort Peigidh Nic Coinnich, a’ seasamh cùrtach ann an Georgetown air an t-seachdain so. ’Nuair a chaidh a ghlacadh, bha e as a rian, agus chuireadh do ’n tigh-chaothaich e; tha e nise air a dhol na ’s fhearr, agus tha aige ri cùirt a sheasamh. Cha ’n eil teagamh nach e tha ciontach. Am measg nan dùthchannan anns am bheilear a faighinn òir, cha ’n eil Nobha Scotia idir air deireadh. Air a bhliadhna s’a chaidh, bha mu fhiach leth muillean dolair dhe ’n stuth phriseil sin air a thoirt á mèinnean na mor-roinne so, agus thatar a’ deanamh a mach gu ’m bi moran a bharrachd air sin air a chur a mach air a bhliadhna so a chionn gu bheilear a nise ’ga fhaotainn ann an Cheticamp, àit air nach robh iomradh a thaobh òir mu ’n àm so ’n uiridh. La na Sàbaid s’a chaidh ann an Lunnainn, chaochail Adam Burns, a bha ’na cheannaiche ann a Halifax re iomadh bliadhna. Rugadh e ann an Albainn, agus bha e mu thri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois ’nuair a chaochail e. Bha e de ’n chuideachd Burns & Murray gu toiseach na bliadhna so, agus bhatar gle eòlach air anns gach cearna de ’n mhor-roinn. Bha e ’na dhuine gle mheasail, agus bha e gle chuuimhneach air a bhi deanamh cuideachaidh leis gach aobhar feumail. Cha d’ fhag e de theaghlach ach aon nighean. A dh’ aindeoin cho soilleir ’sa tha e gu bheil Iain Sullivan ciontach de mhort Mrs. Dutcher agus a mic, agus an dòigh bhrùideil air an d’ rinn e e, tha da mhile de mhuinntir Mhoncton an deigh an ainmean a chur ri tagradh dh’ ionnsuidh an Ard-Riaghladair ag iarraidh a bheatha leigeadh leis. Tha sinn an dòchas nach fhaigh an tagradh eisdeachd. Tha mort ’na chionta tha ’g iarraidh beatha ’n fhir a ni e a thoirt air falbh, agus neach a ni mort, gu h-àraidh mort graineil mar a bha ’n sid, cha choir fàbhar sam bith a dheanamh ris. Bha teine mor ann an St. Pierre a sheachdain gus an diugh. Chaidh dha no tri de thaighean-ceannachd a losgadh a b’ fhiach da fhichead mile dolair. Tha Morair agus bana-Mhorair Obaraidhean air chuairt anns na Stàitean. Bha iad toiseach na seachdain so ann am baile Washington air aoidheachd aig Sir Julian Panncefote, Ard-theachdaire Bhreatuinn. Fhuaireadh teaghlach anns an robh sianar ann a Winona, Dakota Tuath, air am mort, a sheachdain gus an dé. Cha ’n eil cinnt sam bith co rinn an gniomh oillteil, ach tha amhrus làidir gur h-iad na h-Innseanaich a tha ciontach. Tha an t-Onarach Mr. Borden, a bha air a ghoirteachadh aig Dorchester o chionn ghoirid, cho tinn an deigh an sgiorraidh ’s gu ’m b’ fheudar dha a dhol do na Stàitean a Deas air son a shlàinte. Tha eagal air a chàirdean gu feum e a dhreuchd a leigeadh uaithe mur teid e am feabhas an ùine ghoirid. Chaill Tomas Vooght, Sidni Tuath, each anns an deigh aig an Eilean Mhor, Di-sathairne s’a chaidh. Bha e a’ dol a null gu Baddeck, agus chaidh an t-each fodha ann an sgàineadh a bh’ anns an deigh. Cha robh aige ach e-fhéin aig an àm agus cha b’ urrainn da an t-each a shàbhaladh. Tha an deigh anns an àite sin gle chunnartach. Tha na Stàitean an dràsda ’pàigheadh mu dha cheud gu leth muillein dolair ’sa bhliadhna d’a cuid airm; tha sin a’ gabhail a stigh na thatar a pàigheadh mar phensions cho math ris na thatar a pàigheadh do shaighdearan mara us tire. ’S mor an t-suim airgeid sid gu bhi ’ga phaigheadh air son cogaidh ri àm sithe, gle fhaisg air muillein dolair gach latha dhe ’n bhliadhna. Bha tuiltean uamhasach ann an Stàitean Kentucky agus Virginia toiseach na seachdain so. Bha an t-uisge ’sileadh gun lasachadh fad shia uairean deug air fhichead, agus bha na h-aimhnichean a’ cur thar am bruachan ’sa sguabadh air falbh thaighean. Bha ’n t-uisge ’g éiridh cho bras ann an àiteachan ’s nach b’ urrainn do ’n t-sluagh ach gann teicheadh le ’m beatha. Chaidh moran spréidhe a chall, agus bhathadh daoine ann an caochladh àitean. Bha suim mhath airgeid air a chur cruinn anns a’ bhaile air son cuideachadh leis na bochdan anns na h-Innsean. Bha am banca ’gabhail a stigh na bha daoine toileach a thoirt do ’n aobhar. Bha còrr us ceud gu leth dolair a stigh toiseach na seachdain so, a chuid bu mhotha dhe sin bho na h-eaglaisean, mar a leanas:—An eaglais Shasunnach, $26: an eaglais Chaitliceach, $20; an eaglais Mhethodach, $35; eaglais sraid Falmouth, $28; agus eaglais St. Andrew’s, $40. Tha fios a Boston ag innse nach eil aig Bram ach an droch mhisneachd o’n fhuair e mach nach eil cùirt ùr ri bhi air a suidheachadh gus fheuchainn. Riamh o’n chaidh a chur an greim bha e cur ioghnadh air na h-uile cho beag cùram ’sa bha a shuidheachadh a’ cur air, ach a nise tha e cha mhor as a rian; cha ’n eil e ’g ithe no cadal no ’gabhail taimh mar bu chòir dha, agus tha fear-cumail a phriosain dhe ’n bharail nach teid moran ùine seachad gun e dh’ aideachadh a chionta. Tha cuideachd ann an New York an deigh òrdugh a thoirt seachad air son soitheach-smùid a thogail a bhios na ’s motha na aon a chaidh, a thogail riamh roimhe. Tha i gu bhi seachd ceud us ceithir troighear a dh’ fhad; tha sin coig troighean fichead na ’s fhaide na bha ’n Great Eastern, agus tri fichead troigh ’sa coig na ’s fhaide na soitheach sam bith a th’ air a chuan an diugh. Tha i ri bhi air a togail ann am Belfast, an Eirinn, agus bidh i ullamh gu dhol a dh’ obair toiseach na h-ath bhliadhna. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 262] [Vol. 5. No. 34. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 259.) deonach fhagail agaibh fhein, nan gabhadh sibh e. Tha e anabarrach luachmhor, agus b’ fhiach dhuibh a thasgaidh suas gu curamach anns an taigh-ionmhais.” “Ciod is aobhar gu bheil an leabhar cho luachmhor ’s a tha thu ’g radh,” ars’ an righ. “Le ’r cead,” ars’ an lighiche, “tha moran de nithean iongantach sgriobhte ann. Agus is e an ni a’s iongantaiche a th’ ann so; ma ghabhas sibh de dhragh, cho luath ’s a bheir sibh dhiom an ceann gu ’m fosgail sibh an leabhar aig an t-siathamh duilleig, freagraidh mo cheann a h-uile ceisd a chuireas sibh air.” Air do ’n righ a bhith toileach an ni iongantach so ’fhaicinn, chuir e dail ’na bhas gus an la ’r-na-mhaireach. Leig e leis a dhol dhachaidh; ach chuir e daoine ’g a fhaire air eagal gu ’n teicheadh e. Chuir an lighiche gach ni a bhuineadh dha an ordugh. An uair a chualas gu robh ni neo-ghnathaichte gu tachairt an deigh a bhais, chaidh na comhairlich, ard-uaislean na luchairt, ceannardan an airm, agus gach aon eile a bhuineadh do ’n luchairt, do thalla na comhairle, a chum gu faiceadh iad an ni iongantach a bha gu tachairt. Cha bu luaithe a thugadh Douban, an lighiche, a steach an lathair an righ, na ghabh e suas gu bonn na cathrach air an robh an righ na shuidhe, agus leabhar mor aige ’na laimh. Dh’ iarr e mios a thoirt an lathair. Thugadh sin ann; agus chuir e an comhdach anns an robh an leabhar paisgte aige, air a’ mheis, agus shin e an leabhar do ’n righ. Thuirt e, “Gabhaibh an leabhar, ma ’s e bhur toil e, agus cho luath ’s a bheir sibh dhiom an ceann, cuiridh sibh anns a’ mheis e air uachdar a’ chomhdaich a sgaoil mi oirre.’ Cha luaithe a chuireas sibh ann e na sguireas an fhuil a shileadh. An sin fosglaidh sibh an leabhar, agus freagraidh mo cheann a h-uile ceisd a chuireas sibh air. “Ach ceadaichibh dhomh,” ars’ esan, “m’ ath-chuinge a chur suas ribh aon uair eile air son mo bheatha. Air sgath Dhe, thugaibh eisdeachd do m’ ghuidhe. Tha mi ag innseadh dhuibh aon uair eile gu bheil mi neo-chiontach.” “Cha ’n ’eil eifeachd sam bith ’na d’ chuid urnuighean,” ars’ an righ. “Agus ged nach biodh aobhar eile agam air son do chur gu bas ach a chum do cheann a chluinntinn a’ bruidhinn, theid do chur gu bas.” An uair a thuirt an righ so, ghabh e an leabhar a laimh an lighiche, agus dh’ orduich e an ceann a ghrad thoirt dheth. Thugadh an ceann deth cho sgiobalta ’s gu ’n do thuit e anns a’ mheis. Cha bu luaithe a thuit e innte na sguir an fhuil a shileadh. Ghabh na h-uile a bha ’n lathair ioghnadh mor an uair a chunnaic iad an ceann a’ fosgladh a shul, ag is ag radh, “Le ’r cead, a righ, fosglaibh an leabhar.” Dh’ fhosgail an righ e, agus o ’n a bha na duilleagan a’ leantuinn ri’ cheile thoisich e ri fliuchadh a mheoire ’na bheul a chum gu ’m biodh e ni b’ fhusa dha na duilleagan a thionndadh. Lean e air an tionndadh gus an d’ rainig e an siathamh duilleag. Cha robh facal sgriobhte air aon de na duilleagan. “A lighiche, cha ’n ’eil dad sgriobhte an so,” ars’ esan. “Tionndaidh tuilleadh dhuilleagan,” ars’ an ceann. Lean an righ air tionndadh nan duilleagan ’s e sior fhliuchadh a mheoire ’na bheul, gus an do thoisich am puinnsean a chuir an lighiche air na duilleagan ri fhagail tinn. Mu dheireadh chaidh e ann an laigse, agus thuit e bhar na cathrach. An uair a chunnaic ceann an lighiche gu ’n robh an righ gus a bhith grad marbh leis a’ phuinnsean thuirt e; “A dhroch righ, tha thu nis a’ faicinn mar a dh’ eireas do dhroch dhaoine a ni droch fheum de ’n ughdarras a th’ aca, agus a chuireas daoine neo-chiontach gu bas. Luath no mall bheir Dia breitheanas air daoine a tha eucorach cruaidh-chridheach.” Mu ’n gann a labhair an ceann na briathran so, thuit an righ marbh far an robh e, agus chaill an ceann na bh’ ann de bheatha. An uair chriochnaich an t-iasgair eachdraidh an righ Ghreugaich is Dhoubain, thuirt e ris an fhathach, agus e glaiste aige anns an t-soitheach, “Nan do leig an righ Greugach leis an lighiche a bhith beo, leigeadh Dia dha fhein a bhith beo. Ach dhiult e eisdeachd a thoirt dha an uair a ghuidh e gu durachdach air gu ’n leigeadh e a bheatha leis. Sin direach mar a dh’ eirich dhutsa, ’fhathaich. Nan d’ thug thusa dhomhsa am fabhar a bha mi ag iarraidh ort, bhiodh truas agam riut; ach o ’n a bha thu suidhichte gu ’n cuireadh tu gu bas mi, an deis na comain a chuir mi ort an uair a leig mi a priosan thu, feumaidh mise a nis a bhith cho cruaidh-chridheach riut fhein ’s a bha thu fhein riumsa.” “Mo dheadh charaid,” ars’ am fathach, “tha mi ’guidhe ort aon uair eile nach bi thu cho cruaidh-chridheach ’s gu ’m fag thu glaiste an so mi. Thoir fa near nach ’eil e ceart do dhaoine a bhith ’deanamh dioghaltais air an son fhein; agus air an laimh eile, gu ’m bheil a ’bhith ’deanamh math an aghaidh an uilc gu mor ri mholadh. Na dean ormsa mar a rinn Imama air Ateca.” “Ciod a rinn Imama air Ateca?” ars’ an t-iasgair. “Ho!” ars’ am fathach, “ma tha toil agad fios fhaotainn m’a thimchioll, fosgail an soitheach. Na biodh duil agad gu ’m bheil saod ormsa gu innseadh naigheachdan gu leor dhut.” “Ma ta, is mi nach leig,” ars’ an t-iasgair. “Cha ’n ’eil ann ach gnothach faoin dhut a bhith bruidhinn air a leithid. Tha mi direach a’ dol ’gad thilgeadh ann an grunnd a’ chuain.” “Eisd ri aon fhacal eile uam,” ars’ am fathach. “Tha mi ’gealltainn nach dean mi cion sam bith ort. Agus cha ’n e sin a mhain, ach nochdaidh mi dhut doigh leis am fas thu anabarrach beairteach.” Thug dochas gu ’m faigheadh e doigh air fas beartaich air an iasgair gu ’n do thaisich e beagan. “Bheirinn eisdeachd dhut,’ ars’ esan “nam b’ fhiach d’ fhacal creideas a thoirt dha. Mionnaich dhomhsa air ainm mor Dhe, gu ’n coimhlion thu gu dileas do ghealladh, agus fosglaidh mi an soitheach. Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu bheil de dhanadas agad na bhristeas air do mhionnan.” Thug am fathach a mhionnan da. Dh’ fhosgail an t-iasgair an soitheach. Anns a’ mhionaid thainig an ceo am mach as, agus bha am fathach na chruth ’s na mheudachd air a bheulaobh. B’ e a cheud rud a rinn am fathach an soitheach a thilgeadh le breab do ’n chuan. Chuir so eagal air an iasgair. “Fhathaich,” ars’ esan, “ciod is ciall dha sid? Am bheil thu ’dol a bhristeadh air na mionnan a thug thu dhomhsa o chionn tiotaidh? Am feum mise a radh riut mar a thuirt Douban ris an righ Ghreugach. Fuiling dhomh a bhith beo, agus cuiridh Dia fad ri do laithean.” Rinn am fathach gaire an uair a chunnaic e gu ’n robh eagal air an iasgair agus thuirt e, “Iasgair cha ’n ’eil mi dol a bhristeadh air mo mhionnan idir. Na biodh eagal sam bith ort. Is ann a rinn mi sid gu spors dhomh fhein, agus feuen am faicinn an gabhadh tusa eagal. Ach a chum gu ’m faic thu gu bheil mi ’dol a sheasamh ri m’ ghealladh, tog leat na lin, agus lean mi.” An uair a thuirt e so dh’ fhalbh e. Thog an t-iasgair leis na lin, agus lean e e, ged a bha beagan do dh’ eagal air. Chaidh iad seachad air a bhaile, agus rainig iad mullach beinne o’n do choisich iad sios do ghleann mor, far an robh lochan beag ’n a laidhe eadar ceithir chnuic. An uair a rainig iad an lochan, thuirt am fathach ris an iasgair, “Tilg na lin ’s an lochan, agus glac iasg.” Cha robh teagamh aig an iasgair nach fhaigheadh e iasg; oir chunnaic e gu ’n robh moran eisg anns an lochan. Ach bha ioghnadh anabarrach air an uair a chunnaic e gu ’n robh ceithir dathan orra—bha iad geal is dearg is gorm is buidhe. An uair a chuir e na lin fhuair e ceithir eisg—fear de gach dath. O nach fhaca e an leithidean riamh chuir iad ioghnadh air, agus o’n a thuig e gu faigheadh e deadh phris orra, bha e gle aoibhneach. “Thoir leat an t-iasg, agus tairg do ’n righ iad, agus bheir e dhut barrachd airgid orra na bha agad riamh roimhe. Faodaidh tu tighinn a h-uile latha ’dh’ iasgach do ’n lochan so; ach thoir an aire nach cuir thu na lin ach aon uair s an latha; ma chuireas bidh aithreachas ort,” ars’ am fathach. An uair a thuirt e so, bhuail e a chas air an talamh agus shluig e am fathach, agus dhuin e mar a bha e roimhe. (Ri leantuinn.) Tha seachd mile deug priosan anns na Stàitean, agus mu’n àireamh cheudna de thaighean-caothaich. [TD 263] [Vol. 5. No. 34. p. 7] Ceasnachadh Gailig. ’Nuair a tha foghlumaich ann an Alba air son a bhi ’na mhaighstir-sgoile, tha aige, mar anns an dùthaich so fhéin, ri bhi air a cheasnachadh, agus an sin ri dhol do dh’ oil-thigh gu bhi air ionnsachadh. Iadsan a tha air son a bhi teagasg Gàilig, bidh iad air an ceasnachadh a thaobh an eòlais air a’ chainnt sin a bharrachd air gach cuspair-foghlum eile. So an ceasnachadh a chaidh a dheanamh orra-san a bha feuchainn air a gheamhradh so:— GAELIC. (Time allowed, 1 ½ hours). 1. Translate into English:— Bha an Cù Glas a’ tighinn le ’chraos fosgailte, agus a theanga ’mach air leth taobh a chraoìs. Bha gach smut* a chuireadh e as a shroin a’ losgadh tri mile roimhe agus air gach taobh dheth. Bha Fionn ’g a chrathadh le teas analach a’ Choin, agus chunnaic e gu soileir nach b’ fhada b’ urrainn e seasamh ris. Snaointich e ’n so ma bha feum an slabhraidh Bhrain † gu ’n robh an t-àm a bni ’g a tarainn. Chuir e a làmh ’n a phòca; agus an uair a bha ’n Cù an dlùth astar da, thug e ’mach i, agus chrath e ris i. Ghrad sheas an Cù, agus thòisich e air bogadh ’earbaill. Thàinig e ’n sin air aghaidh far an robh Fionn, agus, dh’ imlich e gach creuchd a bh’ air, o mhullach a chinn gu bonn a choise, gus an do leighis e le ’theanga na loisg e le ’anail. Mu dheireadh spàrr Fionn slabhraidh Bhrain mu amhaich a’ Choin Ghlais, agus theirinn e a stigh an gleann agus an Cù air lomhain aige. * Snort. † A dog’s name. OR Chaidh mo chaoraich-sa air seacharan air feadh nan uile bheann, agus air gach sliabh àrd: seadh, bha mo thréud air a sgapadh air aghaidh na talmhainn uile, agus cha robh aon neach ’g an sireadh no ’g an iarraidh. Uime sin, O aodhairean, éisdibh-se focal an Tighearna: Mar is beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu deimhinn a chionn gu robh mo threud ’n an creich agus gu ’n d’ rinneadh mo threud ’n am biadh do uile bheathaichibh na macharach, a chionn nach robh aodhair sam bith ann, ni mò dh’ iarr m’ aodhairean mo threud, ach bheathaich na h-aodhairean iad féin, agus cha do bhiadh iad mo threud-sa:—Mar so tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch tha mise an aghaidh nan aodhairean, agus iarraidh mi mo threud air an laimh, agus bheir mi orra sgur de bhiadhadh an treud; ni mo bheathaicheas na h-aodhairean iad féin tuilleadh; oir saoraidh mise mo threud as am beul, a chum nach bi iad dhoibh ’n am biadh. 2. Translate into idiomatic Gaelic:— As some oxen were dragging a waggon along a stony road, the wheels set up a tremendous creaking. The driver of the waggon ordered them to cease making such a noise. “Stupids!” he exclaimed, “what are you groaning for? The oxen have all the weight to draw, and they do not utter a single mord of complaint.” 3. Write down in Gaelic the cardinal numbers of 1 and 12, and give the words for 40, 50, 80. Which numerals require the noun following them to be in the singular number? 4. Give the genitive singular and nominative plural of “clach bheag” and “duine mòr,” the participle (verbal noun) from “gluas, meal, obair;” and the present imperative singular of the verbs “théid, rinn, chunnaic.” 5. How are “Yes” and “No” translated in Gaelic? Give illustrations. 6. “’S tric mi sealltuinn o ’n chnoc a ’s àirde.”—Parse the words that are in italics. Chaochail duine ann an Cille-Mhoire, am Muile, o chionn ghoirid do ’m b’ ainm Uisdean Caimbeul, agus ris an abairte an cumantas, “Righ Mhuile.” Bha e chòmhnuidh ann an àite ris an canar Acharionnaich, fearann a bha aig a shinnsirean o chionn coig ceud bliadhna. Bha e ’na dhuine aig an robh deagh cheann-labhairt, agus a bha gle mhòralach ’na ghiulan. Bha e fad thri bliadhn’ deug air fhichead ’na eildear an Eaglais Stéidhichte Ulbha. Tha an Fhraing a nise ann an lan sheilbh air eilean Mhadagascar. Tha an Riaghladh ùr, a reir coltais, a’ dol a bhi math; am measg nithean eile a rinneadh o’n thainig an t-eilean gu bhi aca, thugadh an saorsa do na tràillean, agus cha ’n fhaodar, a mach uaithe so, tràill aona chuid a reic no cheannach air an eilean. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95 [TD 264] [Vol. 5. No. 34. p. 8] Glogaidh Lomh. (What can a Young Lassie). SEISD— O, ciod a ni caileag, Og chaileag, deas-chaileag, Ciod a ni caileag De sheann bhrosnach faoin? Droch bhuil air an earras A bhrosnach mo mhant A Seònaid a mhalairt Air fearann ’us maoin: Bidh am bodach a’ smùcail, A’ cneadraich ’s ag ùnaich. ’Us mise fo dhù-bhròin Am’ chrùban r’ a thaobh, A’ càradh nan lùireach, ’Us snigh air mo shuilean A’ cuimhneach nam fiùran D’ an duraiginn gaol. O mhochthrath gu feasgar Aon tàmh cha teid air san, Ach a’ séideil ’s ag eirplich, ’S casd-feadrach a’ chraos; E clod-cheannach cadlach, ’S an fhuil ann air ragadh— O, ’s cianail bhi ’cadal Le glag-bhodach baoth! E frionasach mùgach, Ri borbhan ’s ri gnùsdaich, Cheart aindeoin mo dhùrachd Cha chum mi air saod; Bidh eud rium ’us gròig air Air eagal nan òigear— Mo bhron! an la chòmhlaich mi Sgleògairneach maol! ’N uair chì mi bean Lachainn ’S a naoidhean ’na achlais, Ag imeachd do ’n chlachan ’S a tasgaidh r’ a taobh, Thig reac ann am bhràghad, Le h-aimheal ’us tàmailt, Gu ’n chairich iad lamh rium Seann dràsgal gun saod! Tha truas dhiom aig Anabla, Seann phiuthar m’ athar; Mar làmhas gu ’n lean mi A h-earailean caomh— “A chùnnnradh ’s a chrannadh Gu ’ghreasad fo thalamh, ’S ùr-òigear a cheannach Le earras na h-aos’.” Ruairidh Beag Shabhairidh. AIR FONN: Ruairidh Mhic Ailpein Duibh. Fàilt air a’ ghille, Le ’chaog-shuilibh biorach; Le chota ’s le bhriogaisean, Gasda de ’n chlò. ’S math a dh’ aithnichear air d’ aogasg, Gur Leòdaich do chinneadh Siol Thormaid o’n Eilein Air an luidheadh an ceò. Oh Aonghais mhic Ruairidh ’S tu athair an deagh mhic, ’S tu dh’ fhaodadh bhi moiteil Na ’m bitheadh tu beò. S nach ’eil anns an sgìreachd Cho farasda, finealt’, Ri Ruairidh beag Shabhairidh, Hò i ho rò! Cha ’n ’eil Cléireach ’san dùthaich A’s luthaire shiùbhlas; Ga’n tabhairt gu pùsadh, Bithidh tu dlùth air an tòir, Cha ’n ’eil Cléireach san t-Seanadh Cho ro-mhath a stiuras A’ Bhirlinn roimh chuantibh Nan stuaghanan mòr. ’Nuair a seideas an doinnionn Na siùil o na crannaibh ’Sa chaillear gach cladach Le sioban ’s le ceo— An sin éighidh gach maraich’ Oh! ’s romhaith do ghabhail A Ruairidh bhig Shabhairidh, Hò i ho rò! ’Nuair a sheinneadh tu an Iorram, ’S tu dhuisgeadh an spiorad; Ann an guaillibh nan gillean ’S iad an glacan nan ràmh, ’Nuair a sheinneadh tu ’n duanag Gum b’ ait leam bhi suas riut, Na m’ shuidhe rid ghualainn ’San t-searrag am laimh. Cha ’n ’eil eadar so ’s Ròag A sheinneadh riut “Mòrag,” ’S tu ’g iomram le farum Ramh-bràghad an “Roè” An sin their iad ri Ruairidh Oh, piseach ’us buaidh ort! A Ruairidh bhig Shabhairidh, Hò i ho rò! Tha mo Ghaol mar Ros air Gheig. (My luve is like a red, red rose.) O, tha mo ghaol mar ròs air ghéig ’S a chéitein chiùbhrach, thlàth; O, tha mo ghaol mar cheòl nun teud, ’N uair ’s gléust’ a sheinnear clàr. A réir do bhòidhch’, a chailin òg, Tha m’ aign’ air tòir do ghràidh; ’S gun lean mo luaidh, a ghaoil, ort buan, Gu ’m fàs an cuan ’na thràigh. Gu ’m fàs an cuan ’na thràigh, a rùin, ’S an drùigh na creagan sios; O, mairidh dhuit mo ghaol, a rùin, An fheadh bhios lùth ’nam chliabh. Ged ’s éudar dealachadh an tràths’, Gu bràch gum bi thu ’m chuimhn; Ach ’s éudar dealachadh an tràths’, Tha ’m bàta ’n cois an tuinn. O, sorruidh slàn leat, seal, a ghràidh! Cha mheath mo ghràdh a chaoidh: ’S gun tig mi sgriob a nall gun dàil, Ged ràineadh cuan ’us tuinn. Ged ràineadh cuan ’us tuinn, a rùin, ’S ged bhruchdadh torunn spéur, Gun tig mi nall a shealltuinn ort, Thair ghreann nan tonnan sléibh. S. M. O CHIONN còrr us bliadhna, sgriobh an t-Urr. T. Watson, á Coburn. Ont., mar a leanas:—Tha K. D. C. an deigh atharrachadh mor a thoirt orm, aon uair ’s gu ’n do thòisich mi air a ghabhail. Tha tinneas mo stamaig air falbh gu buileach, agus tha mi na ’s sláine na bha mi o chionn bhliadhnaichean. Tha mi creidsinn gu bheil e cheart cho math ’sa tha iad-san a tha ’ga dheanamh ag radh. (Aug. 14, 1896) sgriobh e rithist:—“Tha mi toilichte innse gu bheil an leigheas a rinn K. D. C. orm buan.” K D. C. Bu choir e bhi anns a h-uile dachaidh, on tha e math air gach eucail bheag us mhor a tha buailteach do ’n stamaig, a leigheas. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan-cuim. Ma ghabhair iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd. CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. “Eagle Parlor” Matches Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe. Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir, THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, MONTREAL, TORONTO. [TD 265] [Vol. 5. No. 35. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, A MART 6, 1897. No. 35. Sireadh Airgead Falaich. Bho chionn àireamh bhliadhnaichean air ais bha fuireach anns a choimhearsnachd so duine còir, seanachasach, agus deagh nàbuidh. Le éisdeachd ri moran de chainnt, gheibheadh sibh gu robh roinn de dh’ fhiosrachadh aige ged a bha e gun mhoran sgoile, ach bha cuid eile dhi air bheagan brighe agus gle mhi-nàdurra. Chuir e uair àraidh fios air a nàbuidh e thigh’nn a choimhead air agus ghothuch aige ris. Dh’ innis e dha mu bhruadar a chunnaic e tri oidhcheannan an deigh a cheile, agus bha e cho cinnteach as na chunnaic e ’s gu robh e toirt air fhéin a chreidsinn gu robh e ’na dhùisg pàirt de’n ùine agus a faicinn an duine ris an robh e bruidhinn. Cha deanadh ni eile ’n gnothuch ach a dhol maille ris agus ceathrar anns a’ chuideachd a dh’ ionnsuidh àite àraid agus cladhach ann air taobh cnuic ri taobh na fairge, far am faighte de dh’ òr ’s de dh’ airgead na dheanadh daoine beairtaach dhiu ri ’m beò. Dheònaich a nàbuidh so a dheanamh; fhuaras carbad mor rgus da each, dh’ uidheamaich iad iad-fhéin le spaidean, piocaidean, agus gàtaichean iaruinn, thug iad leotha ceithir pocannan, bocsa anns an robh àireamh de bhotuill uisge-beatha, agus aran us càise gu leòr. An uair a dhorchnaich an oidhche, ghluais na fearaibh bho’n chaisteal, agus sin far an robh an t-aoibhneas agus an fhearas-chuideachd! Bha astar dha mhile dheug aca rì dhol a dh’ ionnsuidh an ceann-uidhe agus rinn iad suas ’nan inntinn an gnothuch a ghabhail cho toilichte ’sa dh’ fhaodadh iad. ’Nuair a bha iad mu mhile air adhart, labhair Eachann anns na briathran a leanas: “’Bhean an taighe ’ghaoil an fhortain, Aiseag a nall dhuinn am botull; Olaidh sinn gu sunndach deoch dheth Gus gach bochduinn a chur dhinn.” Is mar sin bhatar a cur na deoch-slàinte mu ’n cuairt, agus aran us càise na déigh, agus chum iad air adhart air an dòigh sin gus an d’ rainig iad an ceann-uidhe, beagan an deigh meadhon-oidhche. Leum iad uile mach as a charbad, a’ deanamh cho beag ùpraid ’sa b’ urrainn daibh. Thug iad fa-near an fhensa a leagail a chum na h-eich ’san carbad a thoirt bhar an rathaid ’s an cur ann an gleann beag eadar da chnoc, far am biodh iad sàbhailte agus á sealladh choigreach a dh’ fhaodadhh tigh’nn ’nan rathad, agus far am biodh iad faisg air an obair. ’Nuair a chuireadh na h-eich air dòigh, air an deagh bhiathadh, ’s air gabhail aca gu math, chuireadh am botull mu ’n cuairt aon uair eile agus labhair Domhnull anns na briathran a leanas; “Mo dheagh chàirdean, bithibh socrach agus éisdibh ri beagan a tha mi dol a labhairt, oir tha pàirt de’n chuideachd aig nach eil làn fhios fhathast ciod a thug sinn air an astar so. “Bho chionn beagan ùine air ais, thainig ugam ann am bhruadar chadail oifigeach airm air a chòmhdach ann an trusgan àluinn, le putanan òir ’na aodach, agus bannan òir air a cheann-aodach, agus feodhain eile air muilicheannan a chòta, ’s aodann gle ghlan o fhiasaig, ach balt a bha tarsuinn eadar a shron ’sa bheul. “Dh’ iarr e orm triall dh’ ionnsuidh a chnoic ud thall, agus gu faicinn tri clachan geala am bàrr na talmhainn, gach te dhiubh m’an aon astar bho cheile, agus tomhas bho gach te dhiubh dh’ ionnsuidh a mheadhoin, toll a dheanamh ann an sin, agus nuair a rachamaid mu dhoimhneachd thri troighean gu faigheamaid seann acaire beag iaruinn; fodha sin seann chlaidheamh meirgeach, agus beagan astair fodha sin soitheach copair mu mheudachd buideal thairnean, agus leachd thana de chloich air uachdar, agus gu robh de dh’ or ’s de dh’ airgead ann na dheanadh beairteach sinn gu bràth. “An uair a ruigeas sinn an t-acaire, agus an t-seann chlaidheamh, faodaidh gu ’n cluinn sinn moran fuaim mi-nàdurra agus ma dh’ fhaoide gu faic sibh bàta làn shaighdearan fo’n cuid armachd a tigh’nn gu cladach, ach na gabhaibh sgiamh sam bith, biodh gach fear ’na dhùisg, agus gach fear a thig air adhart as a bhàta, bithibh ’na charamh le spaid, piocaid, no arm sam bith a thachras a bhi deiseil. Mar so seasaidh sinn ar grunnd agus theid leinn. “’Nuair a gheibh sinn an t-òr cuiridh sinn anns na pocannan e; bheir sinn leinn e, agus falaichaidh sinn e aig baile, agus ri ùine cuiridh sinn air falbh aon dhe’n chuideachd leis an òr gus a chùineadh as ùr ann an dùthaich chéin. ’Nuair a thilleas an teachdaire sin air ais, theid an t-òr a roinn, urad agus urad aig gach fear. “Bheir sibh fa-near nach eil facal ri labhairt bho’n thoisicheas sinn gus an sguir sinn, oir ma labhrar focal faodaidh sinn tilleadh falamh mar a thainig sinn.” Is ann mar so a bha: chaidh Domhnull air adhart thun a chnoic, agus gach fear ’g a leantuinn; le arm na laimh. Rainig iad an cnoc, aguss ged a bha ’n oidhche dorcha, cha robh moran dragha aig Domhnull na tri clachan geala chomharrachadh a mach. B’e so a cheud dhearbhadh gu robh coltas air cainnt Dhomhnuill. Thomhais fear de ’n chuideachd bho na clachan le ceumanna, fhuair iad an t-àite, agus air ball thòisich iad air cladhach. Dh’ oibrich na seòid gu tapaidh, ach cha robh an t-acaire ’tachairt orra, agus cha do chual iad fuaim neònach sam bith. ’Nuair a rainig iad doimhneachd thri troighean, cha do chaill iad an dòchas idir; bha an talamh agus na clachan a’ tigh’nn a mach as an toll gu dian, agus mar a dh’ fhàsadh fear sgith, bha fear eile dol ’na àite. Bha an toll a nis mu cheitheir troighean a dhoimhneachd, agus bha cuid de na fir air fàs sgith de’n obair. Chaidh fear eile sios, ach cha bu luaithe rainig e grunnd an tuill na ghrad leum e as le sgread oillteil, agus gun fhacal a labhairt thug e ri bruthaich. Thainig feadhainn eile de’n chuideachd a choimhead gu de bha cearr anns an toll, agus chunnaic iad da shùil a lasadh mar theine ann an grunnd an tuill, agus a gluasad bho thaobh gu taobh, ’s gun fhuaim sam bith ri chluinntinn. Ghrad leum fear air falbh agus càch ’ga dhlùth leantuinn gus an d’ rainig iad an carbad. Fear a chanadh gu robh na sùilean uiread ri sùilean eich, fear eile chanadh gu robh iad na bu lugha na sin, ach beag no mor ’ga robh iad, cha robh dh’ òr no dh’ airgead anns an dùthaich na bheireadh air fear seach fear dhiubh cas a chur anns an toll tuilleadh. Ghrad rinneadh deiseil na h-eich agus an carbad, agus thill a chuideachd gu baile, ach gus an latha ’n diugh cha d’ fhuaireas neach a dh’ innseadh co a chair an cat anns an toll! Bha stoirm ghàbhaidh ann an Sasuinn mu mheadhon na seachdain so. Bha moran shoithichean air am bristeadh mu na cladaichean, agus daoine air am bàthadh. Bha uisge mor ann agus bha moran fearainn air a chur fodha leis an tuil. Bha an stoirm cho làidir ann an cearna de Wales ’s gu ’n do chuir i sreang de charbadan-iaruinn thairis, ach gu fortanach cha do mharbhadh duine. ’S i stoirm cho dona ’sa bha ’san dùthaich o chionn àireamh bhliadhnaichean. [TD 266] [Vol. 5. No. 35. p. 2] Cumail Beo na Gailig. Aig a Mhòd Ghàidhealach mu dheireadh bha duais choig puinnd Shasunnaich air a tairgse air son a phaipeir a b’ fhearr a rachadh a sgriobhadh air “An doigh a’s fhearr air a’ Ghàilig a chumail beo.” Bha da phaipear air an cur a stigh a bha cho faisg air a chéile ann am mathas ’s nach b’ urrainn do na breitheamhan eadar-dhealachadh sam bith a chur eatorra, agus chaidh an duais a roinn orra-san a sgriobh iad. Bha fear de na paipearan mar a leanas:— Ma chuireas sinn briathran a chinn-sgrìobhaidh so mar cheist, thig sinn theagamh na’s dlùithe air smior a gnothaich; mar so, Ciod an doigh a’s fearr air a Ghaidhlig a chumail beo ann an Gaidhealtachd na h-Alba? Ann a bhi freagairt na ceiste thig, tha mi an dochas, brìgh ar breathnachaidh na ’s dìriche fa chomhair ar tuigse. Ach mun toir mi oidhirp air a so a rannsachadh cha chreid mi nach aontaichear leam gur coir ceist eile a chur agus a fhreagairt an toiseach; ’s e sin an fhiach agus an airidh a’ Ghaidhlig a cumail beo? Ma dhearbhas sinn gur fhiach agus gur airidh, tha e soilleir gur i so dòigh a ’s fhearr os cionn gach dòigh eile, a chionn gur e aobhar a’s fhearr sam bith gu ’m bitheadh a Ghaidhlig air a cumail beo. Agus air an lamh eile, mur ’eil ar luchd-dùthcha soilleir gur buanachd dhoibh a Ghaidhlig a chumail beo, agus gur call dhoibh a leigeadh dìth, is cinnteach nach gabh iad mòr shuim de ’r beachdne mu ’n chùis, na de chomhairle sam bith a dh’ fhaodas sinn a thairgse dhoibh g’ a taobh. An fhiach, ma ta, a’ Ghaidhlig a chumail beo? Tha gach neach a smaointich riamh air a ghnothach làn-shoilleir gur ann an cànain na leanabachd agus na h-òige a tha na frèumhan a ’s doimhne nar beatha air an leagadh, agus cha’n ’eil teagamh nach ann tre na cuislean domhain, dìomhair so a tha sinn a sùghadh, tre uile laithean ar turuis, snothach-fàis ar neairt co dhiu is lèir dhuinn sin na nach lèir. Thuirt fìor dhuine glic, “Ma bheir thu dhomhsa stiùradh nan ceud choig bliadhna de bheatha duine faodaidh tu deanadh mar a thogras tu ris a chòrr.” Bha e a’ ciallachadh leis a so gu ’m beil bonn-stéidh na beatha air a suidheachadh anns na coig bliadhna so—a chum maith ma ’s maith an suidheachadh, a chum uilc ma ’s olc. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil so fior. Abramaid ma ta gu’m beil leanabh Gaidhealach air a thogail anns a’ Ghaidhealtachd re nan ceud coig bliadhna d’ a bheatha, agus abramaid gur i a Ghaidhlig cànain a’ mhathar agus a’ mhuinntir. Tha e soilleir gu ’m beil e gach uair agus gach mionaid a’ deoghal a stigh tre gach mothachadh agus gach càil blàths a phàrantan, a chàirdean, agus a chompanach, agus maoth-bhrigh a chruthachaidh mhoir mu ’n cuairt da. Tha gach lianag ghorm bhlàth air am beil e cluich ’s a mire, gach sruthan glan, gach allt ’s gach eas, gach preas ’s gach doire ceòlmhor, gach monadh, gach sliabh ’us beinn, gach fonn ’s gach sìth, air thalamh agus anns an speur a’ labhairt chagar ris-san tre chluais gach faireachdain—cagair nach cluinn sinne, agus theagamh nach tuigeamaid ged a chluinneadh. Tha a chagair fein air leth o nadur do gach aon. Tha e mar so air a lìonadh gun fhios da le neart agus le eòlas. Tha rùintean agus aignidhean air am beothachadh ann nach dealaich ris am feasd, nach urrainn e, ged bu mhiann leis, a dhubhadh a mach no spionadh gu bràth a bun. Is e an ceud-fhàs bunaiteach so a’s buadhmhoire gu mòr na ni sam bith eile ’nar crannchur gu aomadh ar rùintean a chum gloinne beatha, gu grinneas agus gu duinealachd. Cha ’n ’eil teagamh nach ann ’s na laithean òga sa a tha an leth gu mòr a’s fhearr agus a’s mairreanaiche de neart ar beatha air a stèidheachadh, agus cha ghabh teagamh a bhi nach ’eil sinn lag no laidir, fann no foirfe, ’nar beatha a reir mar a tha ar stèidh air a suidheachadh agus a reir mar a thogas sinn oirre anns na laithean a leanas. Ged a ni foghlum agus ealain agus seoltachd ar n-òganachd ’s ar làn-fhàis atharrachadh cho mòr air ar n-inntinn agus air ar cleachdadh agus gu ’n saoil sinn gu ’n do chailleadh gu buileach dealbh agus beathachadh ar n-òige tha sinn am mearachd. ’S ann a chionn nach ’eil fradharc ar tuigse ceart, no cho glan ’s a dh’ fhaodadh e bhi, a tha sinn a faicinn claon mar so. Na ’n robh an leanabh so air a thogail tre ’n chànain Bheurla bu cheart cho math dha a bhi air àrach air sgeir am meadhon cuan mòr dorchadais Bhitheadh baigh a chruthachaidh gu lèir duinte dha agus cha bhitheadh ’fhàs ach tiorann, cumhang, caol. Tha so fein, ar leamsa, ’na aobhar gur leoir gu còir dhuinne, agus gur fhiach, a Ghaidhlig a chumail beo. Nuair a dh’ fhàsas e suas agus a sheallas e mun cuairt ’s a chi e gur eachdraidh anabarrach urramach agus chliutach eachdraidh agus sgeul a dhuthcha, agus nuair a chi e gur ann as a’ Ghaidhlig a dh’ fhas an eachdraidh, ’s gur ann o’ n Ghaidhlig a mhain a thig buanachd na h-eachdraidh agus calmachd a dhuthchais cha bhi teagamh idir aige nach airidh a Ghaidhlig a cumail beo. Chi e mar an ceudna gu ’m beil ar n-òrain mhilis, ar sgeulachdan brìoghar o’n t-sean-àm chéin, agus am beairteas gliocais a tha air fhàgail againn gu snaidhte glan, nar gnàth-fhocail, na maoin phrìseil nach fhaodar idir a leigeadh an dearmad no air dichuimhne gun chall mòr a thoirt oirnn fein. Chi e gu ’m beil duan mhòr uasal Ghaidhlig ann an ainmeanan nan sliabh, ’s nan srath, ’s nan aibhnichean, agus is leir dha muthad a chall mur b’ urrainn da an duan luachmhor so a leughadh no a thuigsinn. Chi e cuideachd gur ionmhas iongantach a Ghaidhlig fein ’na dealbh ’s na dreach ’s na seanachas, agus cha duilich dha a thuigsinn gu ’m beil sinne agus ar n-eachdraidh air ar ceann an latha a ni sinn dearmad no dimeas air sochairean cho mor. Nuair nach bi meas againn oirnn fein cha chòir dhuinn gearan ged nach bi mòr mheas aig each oirnn. Is ann airson so agus airson iomadh deadh aobhar eile nach freagair dhomh a chur an cèill air fad a tha mi nis ag ràdh gur airich gur fhiach agus gur dleasnach a Ghaidhlig a chumail beo. Ciamar ma ta, a theid againn air a so? “Ciod an dòigh a’s feàrr air a Ghaidhlig a chumail beò ann an Gaidhealtachd na h-Alba?” Is e a chèud ni is còir dhoibhsan a dheanamh aig am beil mòr mheas air a’ Ghaidhlig, a cleachdadh iad fein agus a cliùthachadh. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ’eil an laigse a’s miosa d’ am beil sinn buailteach ag eiridh a so, gu ’m beil cho liuthad dhinn fein a tha gun sgur ’ga moladh o nach cluinnear facal di ma ’s urrainn duinn idir a seachnadh. Is aithne dhomh Gaidheil dhùthchasach ghasda, aig an tigh agus bho ’n tigh, leis an ainmic gach cothrom gu aideachadh an dùthch’ agus an duthchais le feileadh ’s le sporan, le piobmhoir ’s le gille-callum, ach aig nach ’eil facal Gaidhlig nan ceann agus nach dean an oidhirp a’s lugha air a h-ionnsachadh. Cha ’n ’eil so ceart. Cha ’n fhiach e. Cha chum sgeanan-dubha no biodagan, no tartan, no sgeadachadh sam bith, air a ghrinneas, anam na saorsa beo ’nar measg, no cliù ar sinnsir. Tha cuid da rireadh de ’n bheachd nach coir do neach sam bith an deise Ghaidhealach a chleachdadh ach iadsan aig am beil a’ Ghaidhlig, agus gu dearbh se beachd gle thùrail a tha an sin. Ma chuireas sinn an cochal agus an taobh-a-mach an aite dùrachd agus gniomh am measg ar luchd-dùthcha tha sinn a brosnachadh an ceum air an t-slighe leathain gu neonieachd. Cha ’n ’eil naimhdean againn an diugh a’s miosa na spagluinn gun seadh agus fearas-mòr falamh faoin nar measg fein, agus rachainnsa cho fada ’s gu ’m bu mhaith leam gu ’n cuireadh am Mòd a mach mar reachd nach Gaidheal neach sam bith aig nach ’eil aithne chothromach air a chànain Gaidhealach. Dheanadh so feum mor le bhi a cur comharradh follaiseach fa’n comhairsan le ’m bu mhiann a bhi dileas gur i a Ghaidhlig a mhain bonnstéidh beatha na Gaidhealtachd agus nan Gaidheal; agus co aige tha fios nach beothaicheadh e iadsan a tha a saoilsinn gu ’m beil iad a lionadh nan uile aireamh agus a co-lionadh nan uile dhleasnas le bhi ’gan sgeadachadh fein air uairibh an Gaidhealachd uallach nan tàileirean. Ni eile nach eil maith. Is aithe dhomh deadh chinn-theaghlaich, Gaidheil dhùthchasach dhuineil a reir na h-uile coltais d’ an aithne a Ghaidhlig gu maith, agus aig am beil mòr mheas oirre, ma chreidear iad, ach nach teagaisg aon fhocal di d’ an òigridh fein, a tha mar so a fàs suas gun diog de chainnt an duthchais ’nan cinn, a cheart cho Gallda ’s ged dh’ àraicht an Lunnainn iad. Tha so am mearachd agus gu lèir mi- [TD 267] [Vol. 5. No. 35. p. 3] fhortanach. Tha eisempleir an leithidibh so a deanamh an còrr mor cron do ’n Ghaidhlig na ’s urrainn duinn a thuigsinn. Tha iad a leigeadh ris nach eil seadh na brigh idir anns a ghlagaireachd bhaoth leis am beil iad a toirt a chreidsinn gu ’m beil iad air an dian-losgadh le gradh agus le dilseachd d’ an cinneadh. Ciamar, ma ’s fhiach a Ghaidhlig a cumail beo, a tha na daoine gasda so—na “fior Ghaidheil” so mar their na paipeirean—ciamar tha iadsan cho tàireil oirre agus cho dìmeasach ’s nach fhuiling iad i nan teaghlaichean fein? Sin a cheist a bhitheas na neochiontaich a cur gus an tuig iad nach fhiach facal a thig a beul mòr na bladaireachd-sa eisdeachd no a chreidsinn. Tha e tuilleadh ’us soilleir nach ’eil an èud ’s èideadh Gaidhealach ach fior thana, agus tha e soilleir cuideachd nach d’ fhuair iad riamh an greim ceart air a Ghaidhlig, ’s nach fhaca iad ’s nach d’ fhuair iad a mach riamh a maise no a fiach. Is coir do na h-uile ’tha ri oidhirp dhilis gus a Ghaidhlig a chumail beo an suil a chumail air na fior Ghaidheil so agus air gach aon de ’n leithid. Ach leigeamaid leo sud agus leo so an rathad fein a ghabhail, agus deanamaidne le ’m miann a bhi dìleas rannsachadh a mach ciamar is fhearr a dh’ fhaodas sinn ar cànain, cha ’n e mhain a chumail beo ach ath-ùrachadh agus ath-neartachadh mar an ceudna. (Ri leantuinn.) Na Marbhrannan. Thuirt mi cheana, airson na bheil de ghnothuch agam an traths ris a’ bhardachd a tha air a h-ainmeachadh air Oisean agus air na seana bhaird eile, nach dean e bheag de mhùthadh co-dhiu is e Mac-Mhuirich ’us Mac a Ghobhainn no Mac-Fhinn a sgriobh i. Cia b’e a sgriobh i, tha e air aideachadh leis gach neach gur bardachd i a tha airidh air gach urram a fhuair i anns gach cearn de ’n t-saoghal. Anns a’ Ghaidhealtachd cha do chuireadh riamh an teagamh nach e fior shaothair nan seana bhard a gheibhear ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich agus ann an “Sean Dana” Mhic-a-Ghobhainn. Ach air Galldachd agus ann an Sasunn tha fios againn uile gu ’n do chaitheadh moran dragh agus moran airgid a’ feuchainn ri dhearbhadh, mu “Oisean” Mhic-Mhuirich gu sonruichte, gur e Mac-Mhuirich fein agus nach e Oisean a sgriobh a’ bhardachd oirdhearc sin. Cha d’ thugadh seachad fathast ann an Gaidhlig, cho fad agus is aithne dhomh, cunntas air a chonnsuchadh agus air an deasboireachd a thachair mu ’n chuis so. Cha ’n e mo rùn an traths an sgeul innseadh. Cha sgeul ro thaitneach i; agus cha chualas fathast, anns a’ Bheurla fein, am focal mu dheireadh dh’ i. Their cuid gu ’n do sgriobh Mac-Mhuirich “Oisean” an toiseach anns a’ Bheurla; agus, ’na dheigh sin, le cuideachadh a chairdean, gu’n d’ eadar-theangaich e a bhardachd fein gu Gaidhlig. Cha ’n ’eil neach do nach aithne an da chànain comasach air breith a thoirt air a’ chuis so; agus cha ’n aithne dhomh aon d’ an aithne an dà chànain ach Caimbeulach Ile a tha de ’n bheachd gur anns a’ Bheurla a sgriobhadh “Oisean” an toiseach. Their cuid eile gu ’n do chruinnich Mac-Mhuirich moran de sheana bhardachd agus de sgeulachdan anns a’ Ghaidhealtachd; agus gu ’n do chuir e fein agus a chairdean, leis na chruinnich e mar bhonn-steigh, ri cheile “Oisean” air an doigh air an do chuireadh fa chomhair an t-saoghail ann an leabhar e. Cha ghabh e nis dearbhadh co-dhiu tha ’m beachd so uile gu leir fior no nach ’eil. Tha dearbhadh cinnteach gu leoir gu ’n d’ fhuair Mac-Mhuirich moran bardachd anns a’ Ghaidhealtachd o bheoil dhaoine agus ann an sgriobhaidhean a tha nis air chall. Tha e fior nach faighear anns a’ bhardachd Oiseinich a chaidh a sgriobhadh roimh linn Mhic-Mhuirich no chaidh a chruinneachadh o ’n àm sin, agus a tha nis ri fhaotainn, ach beagan rannan a fhreagras, focal air fhocal, ri “Oisean” Mhic-Mhuirich. A ris their na h-Eirionnaich gur ann daibhsan a bhuineas na tha de sheana bhardachd ann an leabhar Mhic-Mhuirich; gu ’n do ghoid Mac-Mhuirich “Oisean” á Eirinn; agus gu ’n d’ atharraich e e mar a thoilich e fein. Cha ’n ’eil mi meas gur airidh am beachd so air a rannsachadh. Cha do dhearbh na h-Eirionnaich fathast gu ’n robh aona chuid a’ mheirle no am meirleach riamh ann an Eirinn. Gus an dean iad sin saoilidh mi gu ’m faod sinn an coir air “Oisean” aicheadh. Tha mi deanamh dheth nach abair neach ’sam bith a rinn a’ bheag de rannsachadh air eachdraidh agus air litreachas nan Gaidheal ann an Albainn gu bheil againn ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich bardachd Oisein anns an dearbh chainnt agus anns a’ cheart ordugh anns an d’ fhag Oisean e fein i coig no se-ceud-deug bliadhna roimhe so. Ach cha mho tha fios cinnteach againn, agus cha ’n ’eil m’ fhiughair gu ’m bi gu brath fios cinnteach againn, air meud an atharrachaidh a rinneadh le Mac-Mhuirich no le neach eile air bardachd Oisein mu ’n do chuireadh an t-saothair ann an clo. Tha fios againn gu ’n robh anns gach linn Fionn ’us Oisean, Goll ’us Oscar—an cliù ’s an euchdan—am beul an t-sluaigh. Tha fios againn gu ’m b’e Oisean mac Fhinn Bard na Feinne. Tha fios againn gu ’n robh bardachd a bha air a h-ainmeachadh air Oisean siubhlach am measg nan Gaidheal Albannach o chionn ceithir-cheud-bliadhna air a chuid is lugha. Tha fios againn gu ’n do chruinnich Mac-Mhuirich moran de ’n t-seana bhardach so a tha nis air chall mur faighear ’n a leabhar fein i. Tha fios againn gu ’n d’ thug moran de dhaoine tuigseach fianuis seachad gu ’n robh iad, ’n an oige, cleachdta ri bhi cluinntinn roinn mhor de ’n bhardachd mar gheibhear i ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich. Ach cha ’n ’eil fios cinnteach againn air na fhuair Mac-Mhuirich de sheana bhardachd air a thuruis anns a’ Ghaidhealtachd; agus cha ’n ’eil agus cha bhi fios cinnteach againn air cho cosmhuil agus a tha bhardachd a thug e seachad ris a’ bhardachd a fhuair e. Cha ’n ’eil teagamh agam fein nach d’ thug e seachad moran bardachd anns a’ chainnt anns an d’ fhuair e i. Cha ’n ’eil e mi-choltach nach d’ thug e seachad roinn d’a chuid fein ann an ainm Oisein. Ach co am bard no na baird a chuir an t-seana bhardachd anns a’ cheart chainnt anns an d’ fhuair Mac-Mhuirich i; agus cia meud a thug Mac-Mhuirich seachad d’a obair fein, cha ’n ’eil mi meas gu ’n gabh e dearbhadh gu brath. Ach airson fior luach na bardachd agus a feum dhuinne cha ’n ’eil mi meas gu ’n dean e bheag de mhuthadh co rinn i. Bu toigh leinn gun teagamh a bhi creidsinn gu ’n robh Fionnaghal ’n a righ cumhachdach ann an Morbheinn o chionn se-ceud-deug bliadhna; gu ’n deachaidh e tric a mach a sheasamh coir a’ dhuthcha ’s a’ shluaigh; agus gu ’n robh “fonn nan oighean ’s guth nam bard” a’ dol na chomhdhail an uair a “Thill righ nam buadh le ’shluagh gu ’thir.” Ach airson fior fheum dhuinne an diugh, tha a’ bhardachd cho cumhachdach ged rachadh a dhearbhadh am maireach nach robh Fionnaghal riamh ann am Morbheinn ach ann an smuain a’ bhaird a mhain. Co a shaoil riamh gu ’m biodh Milton no Shakespeare no Tennyson na bu chumhachdaiche mar luchd-teagaisg nam b’e agus gu ’m biodh eachdraidh na cul-taice d’ an smuain na bu laidire na tha i. Cia b’e chur “Oisean” ri cheile mar tha bhardachd againne nis is aitreibh ghreadhnach e. Tha sinn cinnteach á aon ni. B’e cridhe Gaidhealach a smaointeach a’ bhardachd so; b’e ceann Gaidhealach a dhealbh i; agus b’e lamh Ghaidhealach a sgriobh i. Feudaidh e bhi nach buineadh an cridhe ’s an ceann ’s an lamh do ’n aon duine no do ’n aon àm; ach bhuineadh iad do ’n aon fhuil agus do ’n aon àite. An fhad so tha mi meas gu bheil “Oisean” a’ giulan fhianuis agus a bharantais fein air clar eudain. Is Gaidheal e ’n a ainm, ’n a chainnt, agus ’n a nadur. Cha saoil mi gu bheil neach is urrainn an leabhar a leughadh anns a’ Ghaidhlig a chuireas so ann an teagamh. (Ri leantuinn.) Fhuaireadh fear Robert Allen marbh air lobhta taighe an aon de bhailtibh Eirinn o chionn ghoirid. Bha e na dhuine bha anabarrach cruaidh, agus spiocach, agus bha ’san ainm gu robh mu thri mile punnd Sasunnach ma seach aige; gidheadh thug e galair a bhàis a fuachd us acras. Chaidh ionnsuidh a thoirt air beatha banrigh Victoria coig uairean, aon uair ’sa bhliadhna 1840, da uair ’sa bhliadhna 1842, uair eile ann an 1849, agus a rithist ann an 1882. [TD 268] [Vol. 5. No. 35. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, AM MART 6, 1897. A Framboise. Tha mi ’n dùil gu ’n gabh thu mo leithsgeul a chionn mi bhi cho ro-fhada gun sgrobag a chur a dh’ ionnsuidh do phaipeir gasda. Ach bho ’n thug thu fein sanas anns an àireamh mu dheireadh, do neach sam bith a bhiodh airson naigheachdan fhaotainn ’sa MHAC-TALLA gu ’m bu choir dha litir bheag a chur da ionnsuidh ag innse ma thachair ni neo-àbhaisteach ’sa choimhearsnachd, agus an dòigh ’san do thachair e. ’S mar sin faodaidh mi innse dhuit gu ’n do thachair geamhradh neo-àbhaisteach briagha a bhi againn am bliadhna. Cha ’n fhaca an neach as sine tha ’n so a leithid. Cha robh againn de shneachda ach direach na bha feumail ’s mar sin bha e furasda gluasad bho ’n tigh a dh’ aite sam bith, agus ged a bha beagan de shide reòdhte ann ’san fhaoilleach cha bu lugha na siochaire a dh’ fhanadh gu ’n obair latha a dheanamh bho ’n thainig an geamhradh. Ach ciamar a thachair a leithid de aimsir cha ’n urrainn mi radh ach a mhain gu ’n dheònuich a Freasdal e. Thachair ni math eile an so bho chionn ghoirid, agus ’se sin gu robh te de ’r maighdeannan òga, Flori Nic Cuidhein air a pòsadh ri Dòmhnull Moireastan aon de dhaoin’ òga St. Esperit. Tha Dòmhnull ’na dheagh dhuine, agus cha ’n eil teagamh agam nach do rinn e deagh roghainn. Tha sinn a’ guidhe saoghal fada, sona dhaibh, ’s cha ’n eil teagamh nach bi ni no dha eile dhe ’n t-seòrsa ud mu ’n teirig an t-earrach. “Ged sheargas craobh ’sa gheamhradh fhuar, ni ’n t-earrach nuadh i ris.” Chaidh an soitheach a thainig air tir aig Fourchu a cheannach le Mr. Hooper, a mhuinntir an àite sin airson beagan us ceud dolair, agus le gle bheag cosgais cuiridh e air sàl i cho maith ’sa bha i roimhe, bho ’n cha deachaidh moran dochuinn a dheanamh oirre, ’s cha ’n eil teagamh nach bi i mach aige air gle bheag de ’n t-samhradh. Chaidh a luchd fiodha a reic gu math saor. Tha biadh spréidhe pailt gu leòir aig gach neach am bliadhna; chinnich gach seòrsa barra anabarrach math air an t-samhradh s’a chaidh, ’s tha gu leòir a dol leis an t-siol choirce do ’n mhuillein-bhleith ’sa deanamh min deth mar anns na làithean bho shean; ’s tha mi ’n dùil na biodh daoine a leantuinn ni bu dlùithe ris na cleachdaidhean a bh’ aca bho shean ann am biadh ’san aohach nach biod iad a feum cungaidh-leighis cho tric ’sa tha iad. ’S tha mi creidsinn na ’n cuirte air beulthaobh muinntir mor-chuiseach òg’ an latha ’n diugh an seòrsa bidhe a bhiodh aig air sinnsir anns na làithean sona a dh’ fhalbh gu ’m biodh neach an cunnart air achmhasan sgaiteach fhaighinn, tha mi a creidsinn sa Bheurla. Co-dhiu theirte ruit gu ’n robh iad “slightly offended.” ’S ann mu ’n àm so de ’n bhliadhna a bhios muinntir an àite so a còmhstri co aige tha ’n t-each is luaithe air deigh chruaidh. Tha e ’na ni gle inntinneach a bhi faicinn eich luatha aig réis, ach tha mi a saoilsinn gur ni gle an-iochdmhor a bhi le stiall cuipe a feuchainn ri luaths a thoirt á casan eich sam bith anns nach eil e; agus cha ’n e mhàin e bhi ’na an-iochd ach ni tha toillteannach air peanas. CEANN LIATH. An Gearran, 1897. Litir Bheag a N. Gut, St. Ann’s. GU FEAR-DEASACHAIDH A MHAC-TALLA:— Faigh anns an litir so dolair airson na bliadhna dh’ fhalbh. Cha ’n eil feum ann a bhi ’toirt seachad leisgeulan air son a bhi cho fada gun sgriobhadh gu’r n-ionnsuidh. Tha barail agaibh fhein air an aobhar cheana, ’s cha ’n eil buannachd ann an tuilleadh a radh. Mile thaig do na deagh sgoilearan Gàidhlig a tha sgriobhadh ugaibh litrichean agus eachdraidhean Gàidhealach as gach cearn de ’n t-saoghal. O’n nach eil dad a dh’ eòlas agam air a bhi sgriobhadh Gàidhlig, criochnaichidh mi an litir bheag so le bhi guidhe buaidh is soirbheachadh leis a MHAC-TALLA. Is mi ur bana charaid, CATRIONA NIC ILLE-MHOIRE. Dior-daoin s’a chaidh bha McKinley air a chur a stigh do ’n dreuchd air son an d’ rinn sluagh nan Stàitean a thaghadh toiseach a gheamhraidh. Bu latha mor e anns na Stàitean. Cha mhor nach robh uiread greadhnachais timchioll air ’sa bha mu chrùnadh Sar Ruisia. Agus car son nach bitheadh? Ged nach eil e gu bhi na Cheannsuidhe ach a mhain ceithir bliadhna, agus ged is cruaidh an spàirn a bh’ aige ri dheanamh mu ’n d’ fhuair e stigh, gidheadh fhad ’s bhìos e ann, tha e riaghladh thairis air trì fichead us coig muilleinean sluaigh, agus tha barrachd mor de ghuth aige ’nan riaghladh na th’ aig ban-righ Victoria ann an riaghladh na h-Impireachd Bhreatunnaich. Chaidh paisde geal a ghoid air falbh á dachaidh a phàrantan faisg air Kentville, N. S., air an t-seachdain s’a chaidh leis na h-Innseanaich. Chaidh an tòir a chur orra, agus fhuaireadh am pàisde thoirt uapa. STOR UR TAILLEARACHD. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair, MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoriah Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 269] [Vol. 5. No. 35. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaochail Innseanach d’ am b’ ainm Adelaide Glode ann an Lunenburg, N. S., an la roimhe, ’se ceud us aona bliadhn’ deug a dh’ aois. Tha dùil aig Mr. Laurier a dhol a null do Bhreatuinn toiseach an t-samhraidh, gu bhi làthair aig Iubili na ban-righ’nn. Tha Liberals Mhontreal a’ cur rompa sporan mile dolair a thoirt dha mu ’n falbh e air an turus. Chaochail dithis dhaoin’ òga mhuinntir a Chladaich a Tuath anns an àirde ’n Iar o chionn ghoirid, Tormad Domhnullach agus Tòmas Mac Leoid. Dh’ fhág iad an dachaidhean o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais. Mar a thug sinn iomradh air an t-seachdain s’a chaidh bha tagradh air a chur a dh’ ionnsuidh an Ard-Riaghladair ag iarraidh a bheatha leigeadh le Iain Sullivan. Thainig fios air ais ag radh nach gabh an riaghladh gnothuch ris a chùis, agus gu feum e bhi air a chrochadh a reir na binn a thugadh a mach. Thainig am Màrt a stigh gu math garbh, agus ma ’s fior na sean-fhacail ’s dual dha dhol a mach min. Bha an t-side gle dhoirbh air an t-seachdain so, reothadh us sneachd us blàths us uisge tigh’nn an deigh a chéile. Shil moran uisge oidhche Di-ciaduin, agus bha na ròidean ann an droch staid Dior-daoin. Gheibhear ainmean na phàigh air a mhios s’a chaidh anns an àireamh so. B’ fhearr leinn gu robh am barrachd ann dhiubh, agus bu chòir iad a bhi ann. Tha moran d’ ar luchd-leughaidh nach d’ thug cothrom dhuinn air an ainmean a chur anns a phaipear o chionn fhada. Ma phàigh neach sam bith ’s nach deach ’ainm ’sa phaipear, cuireadh e fios ugainn. Loisg fear Iain Connolly air nighinn òig, aois shia bliadhn’ deug, ann am Boston oidhche Shatharna s’a chaidh, ’ga marbhadh air ball. Bha e deanamh suas ris an nighinn, ach air do ni-eigin tigh’nn eatorra, chuir i cùl ris; chaidh e dh’ ionnsuidh an taighe aice an oidhche sin ma ’s fhior air son réit a dheanamh, agus gun rabhadh sam bith thug e mach daga s thilg e i. Bha piuthar do ’n nighinn a làthair ’nuair a loisg e oirre. Chaidh a chur an greim gun dàil. Tha paipear-naigheachd ann am Montreal, an Star, an deigh ochd mile deug air fhichead dolair fhaotainn a stigh air son cuideachadh a dheanamh le muinntir nan Innsean. Cha do chuireadh suim cho mor cruinn an uine cho goirid ann an Canada riamh roimhe, Tha e gle iomchuidh gu ’n deanadh muinntir Chanada an dichioll air cuideachadh a chur gu ’n co-chreutairean anns na h-Innsean: ged nach aon sluagh iad, tha iad fo dhion na h-aon bhrataich, ’s buinidh iad do ’n aon dùthaich, agus cha bu chòir dith sam bith a bhi air sluagh an aon chearna de ’n Impireachd Bhreatunnaich fhad ’sa bhiodh gu leòr agur ri sheachnadh ann an cearnan eile dhith. Bha an eaglais ùr air a fosgladh aig na Forks la na Sabaid s’a chaidh. Shearmonaich an t-Urr. I. F. Forbes innte aig aon uair deug ’sa mhaduinn ’am Beatha, agus aig crioch na seirbheis Bheurla, shearmonaich e ’sa Ghàilig. “Aig tri uairean feasgar shearmonaich an t-Urr. E. B. Mac Raing. Tha an eaglais na togalach bhriagha, ’s ’na làn uidheam a muigh ’sa stigh, agus tha e gle chreideasach do’n t-sluagh a leithid a chur suas, agus i bhi air a fosgladh saor o fhiachan. Bha seirbheis anns an eaglais a h-uile h-oidhche air an t-seachdain so, ’s an t-Urr, Mr. Forbes an ceann nan coinneamhan. Bha ceithir fichead dolair ’sa sia air a chur cruinn anns an tional an latha chaidh an eaglais fhosgladh. Tha coithional Dalhousie Mills, an Ontario, an deigh gairm aon-ghuthach a chur a dh’ ionnsuidh an Urr. Iain Fhriseil, ministeir a Chladaich a Tuath. Chaidh dithis dhaoine troimhe-chéile ann am muileann-sabhaidh an cearna de Chuibeic, agus thug an darna fear buille dh’ an fhear eile a chuir am paiseanadh e, agus a dh’ aobharaich a bhàs an la ’r-na-mhàireach. Tha buidheann airm ann an Cuibeic anns am bheil mu choig air fhichead de dh’ oifigich, agus gun innte ach leth-cheud ’sa ceithir de shaighdearan. Tha so cha mhor a freagairt do ’n t-seann radh, “Ceannard air fhichead air an fhichead saighdear.” Bha Seanadh nan Stàitean ’na shuidhe la na Sàbaid s’a chaidh, agus a’ dol air adhart le gnothuichean na dùthcha mar a dheanamh iad air latha seachdain. Cha robh mor mheas air an t-Seanadh roimhe so, agus air leinn nach ann a’ dol na ’s measaile no na ’s cliù-thoilltinniche tha e. Sgaoil tigh-parlamaid Nobha Scotia, Di-luain. Chaidh àireamh de dheagh reachdan a dheanamh fhad ’sa bha e ’na shuidhe, agus bha ’n da thaobh gu math còrdte bho thoiseach gu deireadh. Cha robh moran de dh’ aobhar còmhstri aca, agus mar sin ’se bhi réidh a b’ fhearr dhaibh. Iadsan a Phaigh. Eachann N. Mac Gilleain, Fairhall, Man. F. A. Gemmel, Selkirk, Man. Domhnull Domhnullach, Steornabhagh, Que. Barbara C. Leitch, Binkham, Ont. (25c.) Iain R. Mac Coinnich, Skye P. O. Ont. Iain D. Mac Ille-mhaoil, Dunbheagain, Ont. Donnacha Mac Crimein, Dunbheagain, Ont. An t-Urr. D. A. Mac Fhionghain, Kingston, Ont. Domhnull Mac Gilleòlain, St. Georges, E. P. I. Domhnull Peutan, Drochaid Chardigan, E. P. I. M. D. Domhnullach, St. George ’s, E. P. I. Alastair Stiubhart, High Bank, E. P. I. Bean Antoni ’Ic Aonghais, St. Peter’s Bay, E. P. I. 25c. An t-Urr. Seumas Friseal, St. Andrew’s, N. S. Domhnull Mac Neill, Loch na h-Aimhne Deas, N. S. Aonghas Mac Fhearghais, Newark, N. J. Alastair Mac Citheagain, Everett, Mass. Anna Nic Neill, Castlebay, Barra, Alba. Iain A. Mac Ille-mhaoil, Braigh Ghrand Mira. Iain A. Mac Gilleain, L’Ardoise Iseal. Nial Mac Cuspaic, Grand River. Alastair I. Mac Gilleòlain, B. C. Chapel. An t-Urr. H. P. Mac-a-Phearsain, L’Ardoise. Ailein R. Mac Neill, Boulardarie ’n Iar. Ceit Morieastan, Gut-a-Tuath. A. Bain, Port Hawkesbury, Domhnull Caimbeul, (Eildear) Baddeck Mhor. Raonailt Nic Gilleain, M B. Road. Domhnull Mac Philip, Loch Lomond. A. S. Dùghlach, S. W. Margaree, An t-Urr. I. F. Forbes, Sidni. Alasdair Mathanach, Sidni. Iain Mac Gilleain (marsanta) Scotsville. Mrs. Dòmhnullach, Gleann-an-dathadair, Mabou. Eos I. Domhnullach, Meinn Victoria, 50c Coinneach Mac Ascuill, Cladach-a-Tuath, 25c Seumas A. Domhnullach, Gleanngaraidh, 25c POSAIDHEAN. Air an darra latha dhe ’n Mhart, leis an Urr. I. F. Forbes, Calum Domhnullach, (ceannaiche) Louisburg, ri Seonaid Pheutan, Sidni. Anns an tigh aig Iain G. Dunbar, Loch Ainslie, air an 16mh latha de Februaraidh, leis an Urr. Niall Currie, Iain Seumas Dunbar, ri Rosa Anna, nighean a’s òige Iain Dùghlach taobh an ear an Locha, An deigh a phòsaidh shuidh a chuideachd sios gu cuirm ghasda, agus an deigh sin chòmhlaich iad a’ charaid gu ’n dachaidh, “Green Hill Farm,” far an robh gach ni ann an deagh òrdugh air son comhfhurtachd us toil-inntinn nan aoidhean, sean us òg. Tha sinn a’ guidhe do ’n charaid òig saoghal fada agus sonas. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 270] [Vol. 5. No. 35. p. 6] As na h-Eileanan Coille, E. P. I. FHIR-DHEASACHAIDH IONMHUINN AGUS A DHEADH CHARAID;—Cha’n eil feum a bhi ’gabhail leisgeulan, air eagal gu’m bitheadh e buailteach air a bhi a’ toirt air duine claonadh o’n fhirinn; ach faodaidh mi a ràdh gur fada bho na bha mi a dol a sgriobhadh, ach bha mi a feitheamh daonnan a smuainteachadh gu’m bitheadh cothrom na bu fhreagarraiche agam uair eigin eile, agus mar an ceudna gu robh mi faicinn a MHAC-TALLA daonnan làn do naigheachdan a bheir barrachd fiosrachaidh do’n luchd-leughaidh na bheireadh mo chuid litrichean-sa. Ach coma co dhiu, bho’n a tha mi faicinn gu bheil moran de na seana chàirdean a b’ àbhaist a bhi sgriobhadh litrichean cho gasda am bràth dearmad a dheanamh, tha mi ’m bràth tòiseachadh: agus an toiseach thugaibh mo mhile beannachd do Bhodachan a’ Ghàraidh; an duine còir! se a chuid litrichean féin air am bitheadh am blas. Gu ma fada beò e agus ceò as a thigh. Agus ciod e ’thainig air ar deagh charaid uasal “Iain?” saoilidh mi gu’n robh e ’gealltuinn dhuinn gu’n robh fear-eòlais aige a chumadh sgeulachdan gu leòr ’sa MHAC-TALLA fad a gheamhraidh; agus iomadh caraid eile, ach thig iad, thig iad. Cha’n eil moran de naigheachd ùr agam fhéin aig an àm so. Tha geamhradh math glan againn agus is mor an t-aobhar taingealachd nach eil gort na goinne no plàigh sam bith ’nar neasg mar a tha ann an dùthchannan eile. Ach gu dearbh tha gort an airgeid againn, agus tha a phlaigh a’ sior dhol a measad riamh bho’n a chaidh sinn ann an co-bhoinn ri Mor-Fhlaitheachd Chanada. Cha’n eil urad nan tri sentachan a chuireas mi a ghiùlan na litreach so féin nach feum dol suas gu Ottawa, agus cha’n eil e furasda fhaicinn gu de an rathad air an tig na sentachan do’n Eilean so ’nuair nach faighear sgillinn air son na bheirear dhe uachdar na talmhainn, ged a tha na prisean cho iosal sa tha iad. Ach buidheachas do’n Ti a tha riaghladh gu ro-ghlic agus gu ro-chumhachdach, is tha ’gar fiosrachadh cho caoimhneil ’na fhreasdal. Tha mi a creidsinn gur e an t-eilean so àite tuinneachaidh cho math agus a tha fo’n ghréin, ach tha tuilleadh mor ’sa chòir do luchd-riaghlaidh agus de luchd-pàrlamaid againn, agus is gle mhath agus pongail i thug sibh féin fa-near sin ged nach robh ur cuairt ach gle ghoirid—mar a thug sibh an aire moran ni’s fearr na cuid a tha ann fad am beatha—gu bheil air luchd-riaghlaidh gun mhoran aca ri dheanamh ach na’s urrainn iad a chruinneachadh a roinn orra féin mar thuarasdal agus ma bhios còrr ann a chur a phàigheadh luchd-sgoile is oilean, agus mur am bi gu leòr ann airson sin a chumail air adhart cha’n eil ach tuilleadh a thogail air riadh. Agus an deigh na bheil ann do bhragadaich ’s do bhòilich mu Bheurla ’s mu sgoil cha’n fhaca mise a h-aon dhiu a thug cùnntas cho mionaideach agus cho athghearr air Baile Shearlot féin agus a thug sibh ann an eachdraidh ghoirid ur cuairt. Is iomadh bogalais de Ghàidheal agus do Ghall nach tugadh cùnntas cho firinneach na cho sgoinneil air ged is ann a rugadh ’s a thogadh iad. Bha mi a leughadh anns a MHAC-TALLA an oidhche roimhe ma dheibhinn an truisg mhor a fhuair iad anns a Bhras d’Or, agus bha e cur ioghnadh air deagh iasgairean truisg aon an so gu de mar a fhuair iad troimh ’n deigh e. Tha mi smaointeachadh gu’m bi mi ’stad an dràst; le m’ bheannachd is mi ur caraid dileas, an la chi ’s nach fhaic, 18, 2, ’67. S. A. MACILLEMHAOIL. A Malagawatch. Tha side eireachdail againn. Tha na ròidean math, agus tha moran a gabhail a bhrath sin orra. Tha eadar-dhealachadh mor eadar an geamhradh so agus cuid de na geamhraidhean a chaidh seachad. Cha ’n e mhàin gu robh aig daoine anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh ri fiar a cheannach, ach gle thric bhiodh aca ri sol-cur a cheannach; ach air a bhliadhna so tha gu leòr agus ri sheachnadh aig na h-uile, agus chithear moran a’ dol le lòdan gràin dh’ ionnsuidh nam muillean. Thainig a ghriuthrach air chéilidh oirnn, agus gu dearbh cha b’e a beatha; ged a bha toil aice a bhi gle chàirdeil ’s ann a ghabh cuid gle dhon’ i, ach le còmhnadh sgileil an Dotair ’Ic Amhlaidh, tha iad uile air an cois ’s m’a chùl an gnothuich roimhe so. Ged nach robh moran fuaime anns a’ “Ghleann,” tha cuid de na cnàmhan air tigh’nn cuideachd. Chaidh a radh o shean nach eil e math gu’m bitheadh an duine ’na aonar, agus is math a dh’fhaodas sinn a chreidsinn ’nuair a chi sinn sean agus òg a bha roimhe so ’nan aonar, a’ dol cuideachd. Tha sinn a guidhe saoghal fada, sonas agus soirbheachadh dhaibh uile. 19, 2, ’97. GILLE. A Nobha Scotia. A MHIC-TALLA GHAOLAICH:—Na ’m bithean math air sgriobhadh na Gàilig, chluinneadh tu as a chearna so na bu trice, ach ceadaich dhomh taing a thoirt dhuit fhéin air son a bheagan a theid agam air a sgriobhadh dhi, oir cha rachadh agam air facal Gàilig a chur air paipear gus an do thoisich MAC-TALLA air tighinn gu m’ thigh. Faodaidh e bhi gu ’m bi cuid de d’ luchd-leughaidh a ni toileachadh ri sgeul as an àite so. ’Se ’n t-Urr. A. J. Domhnullach, fear-dùthcha dhut fhein, is ministeir air an sgireachd so, agus faodaidh mi ’radh le firinn gur-a duin’ e a tha measail aig gach òg us sean dhe gach creud a chuir eòlas air. ’S an àm an d’ thainig e bha am mansa ri chur an òrdugh le pent us paipear, usioma ni eile a bheireadh leis moran airgeid. A chum na criche sin rinn an ògridh innleachd air an airgead a chur cruinn a shoirbhich gu ro mhath; agus so mar a rinn iad. Thòisich na mnathan agus na caileagan air còcaireachd phiheachan de dh’ aran milis agus de nithean blasda, brioghail eile. Rachadh sin a chur suas ann am bascaidean a bhiodh air an sgeadachadh gu riomhach; agus air an oidhche shònruichte chruinnich iad an aon àite agus rachadh na bascaidean a chreic a lion té us té ris an fhear a b’ àirde thairgeadh oirre, agus an deigh an rupadh shuidheadh gach fear sios a ghabhail roinn de na cheannaich e agus air a riarachadh leis an te d’ am buinneadh a bhascaid. Rachadh an sin uair de thim a chur seachad ag éisdeachd òraidean agus seinn agus ceòl air innealan, gus àm sgaoileadh iad. Air an dòigh so chaidh còrr us da cheud dolair a chur cruinn le gle bheag dragha, agus leis gu’n robh an t-aobhar iomchuidh, cha mhor gu robh bean no maighdeann no nighean òg nach d’ rinn an dichioll a chum an gnothuch a chur air adhart. Tha an tigh a nise blàth, seasgair, agus ma thig fear-deasachaidh MHIC-TALLA air chuairt, bidh e cinnteach gu’m faigh e gabhail ris gu math anns a mhansa. Agus ma’s e ’s gu’n tig e biodh e cinnteach taghal aig Alasdair an Ridse ’san dol seachad. Tha moran eòlais aige-san air eachdraidh nan Gàidheal, agus air an cuid bàrdachd, agus ma bhios Domhnull a mhac agus Anna a nighean aig baile, cluinnidh MAC-TALLA ceòl cho math ’s a chual e riamh. Agus feuch nach till e dhachaidh gus a dhol a choimhead air a charaid dileas, AN TUATHANACH. Loch na h-Aimhne Deis, N. S. 24, 2, 97. Tha paipear Sasunnach ag radh gu bheil bean bheairteach an àit eigin ’s na Stàitean a tha ’n deigh litir-dhealaich a thoirt do chòignear dhaoine, agus an deigh an siathamh fear a phòsadh. Tha i-fhéin ’s an fheadhain ris ’n do chuir i cùl cho réidh ’sa bha iad riamh, agus bha ’n coignear aig a phòsadh mu dheireadh a rinn i. Tha sgeul iongantach air innse mu thriùir bhràithrean a bha fuireach an siorrachd Chataobh. Rugadh an triùir air a mhios mu dheireadh dhe ’n bhliadhna, rainig gach fear dhiubh tri fichead us naodh bliadhna dh’ aois, agus chaochail iad air a mhios mu dheireadh dhe ’n bhliadhna, dithis dhiubh air an aon latha dhe ’n mhios. Cha ’n eil dùthaich ’san Roinn Eòrpa aig am mò bheil de shaighdearan deiseil gu dhol a chogadh, na th’ aig a Ghearmailt. ’Nam bristeadh cogadh a mach, rachadh aice air ceithir muillein saighdeir ionnsaichte a thoirt air lom an taobh a stigh de cheithir uairean fichead. Dh’ fhalbh dithis dhaoine uair do’n mhonadh air tòir mathain. Feasgar anmoch thill fear dhiubh dhachaidh. “C’ ait” an d’ fhàg thu do chompanach?” ars’ an fheadham a bh’ aig an tigh ris. “Dh’ fhuirich e ’sa bheinn còmhla ris a mhathan,” ars’ esan. Tha Ard-easbuig Chanterbury a faotainn coig mile deug punnd Sasunnach ’sa bhliadhna, agus Ard-easbuigean York us Lunnainn, deich mile punnd am fear. [TD 271] [Vol. 5. No. 35. p. 7] Litir a S. W. Margaree. FHIR-DEASACHAIDH,—Cha ’n eil mi ’n duil gu na chuir mi sgriob ’g ur n-ionnsuidh air a bhliadhna so; ach ged nach robh mis’ a’ sgriobhadh, bha feadhain a b’ fhearr foghlum is fiosrachadh na mi a’ deanamh comhnaidh leibh, agus a’ togail a’ MHIC-TALLA gu mor ann an urram ’s am miadh. Tha geamhradh gle nàdurr’ againn. Bho ’n thainig a’ bhliadhn’ ùr, tha ’n t-sid’ ’am bicheantas reodhte, agus an sneachda, gus bho chionn seachdain, gle aotrom. Cha robh stoirmnean gàbhaidh idir cho tric ’s is minic a chunnaic sinn; mar so cha robh na daoine air an gairm a mach a bhristeadh nan rathaidean romh na postachan mar a b’àbhaist; agus mar a tig droch shid’ anns a Mhàrt, faodar cliù math ’thoirt air a’ gheamhradh so anns na bliadhnachan ’tha gu tighinn. Tha moran tinn ’n ar measg o chionn beagan mhiosan. Eadar griùbhrach, droch cnatan, agus tinneasan eile tha ’n sluagh air an sàruchadh; ach feumar cur suas leis gach ni a chi am Freasdal iomchuidh, oir ’s math tha sinne dheth seach sluagh bochd nan Innsean agus iomadh sluagh eile. Chaochail boirionnach òg faisg oirnn o chionn ghoirid, Màiri, bean Dhonnachaidh ’ic Illeolain: bha i na boirionnach aig an robh meas gach aon a chuir eòlas oirre, agus tha co-fhulangas nan càirdean gu léir aig a companach ’s aig a cloinn ’tha ’s an àm ’ga h-ionndrainn gu mor. Tha Comunn Connsachaidh aig na fir ’an so am bliadhna rithisd. Chaidh a chur air bonn o chionn choig bliadhna. Is mor an toilinntinn agus a bhuannachd a th’ ann do dhaoin’ òga a bhi dol cruinn mar so uair ’s an t-seachduinn fad a’ gheamhraidh a’ cur an céill gu snasail, siobhalt’, caochladh bheachdan mu iomadh rud anns am beil e ro-fhreagarrach agus ro-iomchuidh dhuinn uile gu leir a bhi fiosrach. Bho nach robh bacadh air boirionnaich a dhol ’g an éisdeachd, smaointich mi fhin ged nach robh an sniomh réidh gu ’n tachainn ’n am meag aon fheasgar fiach de a chluinninn. B’e a cheisd, “Am bu chòir comas bhòtaidh a bhi aig na boirionnaich?” Bha roinn de ghillean gasd’ ann a bha de ’n bharail gu ’m bu chòir, agus da rireadh bu mhath na dearbhaidhean a thug iad seachad air gliocas agus tuigse nam boirionnach ann an iomadh cùis bu chudth romaiche na taghadh fir-pàrlamaid; ach bha béisdean eile de na gillean de chaochladh barail, agus thubhairt iad so iomadh rud mu chomas agus riaghlaidh nam boirionnach nach do chòrd rium idir. B’e binn a bhritheamh nach robh e freagarrach, a muigh no mach, gum faigheadh na boirionnaich cead air bhòtadh—binn a bha gle shearbh leamsa agus a bheir orm nach teid mi oidhche tuilleadh ’gan èisdeachd, ged a bhiodh an sniomh, an fhighe, agus am fuaigheal réidh. Phos, Di-mairt s’a chaidh, Aonghas Mac Illeolain, S. W. Margaree, agus Mairi Shiosal bho na Forks. Rinn iad banais ghreadhnach, chridheil, a thug mor thoileachadh do na càirdean ’s do ’n luchd-eòlais air gach taobh. Gu ’m a fada beò iad, Is ceò as an tigh; ’S gach la ’s a bhliadhna, Mar ’s miann leo gu ’m faigh! Cha do phòs an còrr ’an so am bliadhna. Shaoileadhmaid gu bheil tuilleadh ann a dh’ fhaodadh pòsadh; co-dhiu tha iad so glic no gòrach a bhi ’ga chur seachad gu àm eile, cha ’n ’eil e furasd’ a ghràitinn; ach ma tha “àm air a h-uile rud,” is dualach nach d’ thainig latha na feadhnach so fhathast. Ged tha mi fhin a nis air liathadh, cha ’n ’eil mi idir a toirt céill; agus ’nuair theid mo ghairm gu banais no bàl, fàsaidh mi cho aotrom, sunndach, a measg na muinntir òg ’s a chiùil ris an t-seillean air feadh nam flùr a’s t-samhradh. Tha mi toilichte a bhi faicinn litrichean laghach o’m charaid Gill’-a-Ghobha, á Bail’-a-Chaochain, anns a’ MHAC-TALLA. Is math a sgriobhas e Gàilig, agus co aig tha fios nach d’ thainig a bhuaidh so air ri linn a’ chadail a thainig air anns a “leabaidh a bh’ air a togail cho ard.” Tha e ’g radh gu bheil e tric anns a’ cheardaich. An e ghobhaineachd an drasd i? Tha mise creidsinn gu ’m beil toil aig’ an tathadh ionnsachadh, ach thoireadh e ’n aire nach “gleidh e ’n clobha” tuilleadh is fada ach “buaileadh e ’n t-iarrunn fhad ’s a bhios e teth.” Buaidh is piseach air! Ma tha mo litir tuilleadh is fada thoir fhéin na h-iomaill dhith; ma tha droch sgoilearachd innte thoir fhéin liosradh oirre. Is mi do bhana-charaid, Feb. 25, ’97. MOR. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t-seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4.; ’95 [TD 272] [Vol. 5. No. 35. p. 8] Cuimhneachan Do na daoine foghlumichte a shaothrach gus a Ghàilig a ghleidheadh beo. Gu’r dlù mo smaoin Air na laoich bu ghaisgeile; A rinn bhuain aomadh An taobh nach faicear leinn A chosg an tide Gun suim do bheartas, Ach a ’dh’ fhag an inntinn Mar dhileib againne. Gu balbh ’s an uaigh, ’S ged is fuar an leabaidh i, Cha ’d ’thug i buaidh Air na h-uasail ghaisgeil ud Tha guth am buadhaibh ’S na cluasan againne. Cho binn ’ga luaigh ’S a bha ’nuair ’san ’d abradh e. ’Be righ na còisir, An Leòdach tighearnail, Tha nis’ mar lòchran, A seòladh slighe dhuinn; An Tormod òg thu Mac còir an Sgitheanaich: Tha cainnt a bheòil A toirt sòlas cridhe dhuinn San eilein riabhach, Mu ’n iadh na cladaichean, Bha Mac Dhuinléibhi ’S bu treun an gaisgeach e: Bidh cuimhne bhlàth air Mar bhàrd ’s mar eachdraiche, Ged ’thugadh pràmh air Le smaig nan Sasunnach. ’San eilein Ileach Ma ’s cuimhne cheart e leam Bha ’n sgoillear grinn A thug dhuinn am facalair. Bu mhaith an ni Ri mo linn nan tachradh e Gun dreidh clach chuimhne Bho ’s cinn an Ailpeinich. Tha fear san àireamh ’S cha ’b àite ’n deireadh dha, ’Sa dh’ fheumas dealradh Gu brath na ’r ’n eileamaid. A dh’ oidich sar obair— Chinn ar bardaibh Mac Coinnich Ghearrloch— An Gaidheal eireachdail. Bha ’n t-Olla Stiubhart Air thus nan gaisgeach sin A thug dhuinn pungar ’S gur ’muirneach againn e, Le facail shùbailt Na ’m buaghar luthaidh ’S nam gniomhar ionnsuicht’ Mo run am Peartach ud. Rinn Collach suairce Le bhuadhaibh fiosrachail; Dhuinn moran buanachd Feadh chluan ar litreachais, ’S chuir fearaibh uasal A chinnidh uaimhreich Le caithream suas da Clach shuain mar thigeadh dha. A dh’ aindeoin ceilg’ Agus feirg nan Sasunnach, Cha ’d’ chur iad bailbh Air an t-seirbheis ghaisgeil ud. Bha uaislean calm ann Nach d’ thug mi ’n ainm dhuibh. Bha ’n t-Olla Foirbeis ’S Professor Blackie ann. Mac Mhuirich tarreil Cha ’n àgh a ghuidhir dha, ’Se ghaol air mammon A dh’ araich brighinn air. Tha iad ag radha —Mur d’ fhuair e fàbhar— Tha ’n leabhar ceàrr ris ’S a bhàrdachd guidheachan. Is beag an t-ioghnadh ’S an aois a laidhe orm, Ged readh mo smaoin Thun an taobh a chaidh iad; Ach ’s feàrr bhi éibhneach ’San t-saoghal mhathasach Is sgur de ’n caoidh Is na saoidh am flathanas. Mhic-talla chàirdeil Nach aicheadh brighinn rium Ged fhuair roimh Adhamh ’S gach àrd do thighearnas. Gur òg a bha mi Mu ’d thaigh a mànran, ’S tu seinn nan dàn leam An Gàilig Sgiathanaich. AONGHAS MAC AOIDH. Providence, R. I. Oran Dealachaidh. Chaidh an t-òran a leanas a thoirt a leabhar ùr le Domhnull Mac Eacharna á Diùra, a tha air a chlò-bhualadh le Gilleasbuig Mac-na-Ceàrdadh ann an Glascho. Cha chosd an leabhran ach sè sgillinn. FONN. Eirich agus tiugainn O, Eirich agus tiugainn O, Eirich agus tiugainn O, ’S e crìoch gach comunn dealachadh. An cuimhne leatsa ’n gleannan uain’, Far an robh sinn òg ’us luath, A’ buain nan sobhruch feadh nam bruach, ’S gun luaidh againn air dealachadh. ’Us far an robh sinn ait le ’chéil’, A’ ruith a’ bhradain leis an leus, No ’sealg a’ choilich air a’ ghéig, Mu ’n d’ d’ thug sinn ceum an allabain. Ach ’s cian bho ’n sgaoil sinn deas ’us tuath, Chaidh cuid thar bheann ’us cuid thar chuan, Cha chluinn mi ’n diugh an coileach ruadh, Ged bheirinn duais nach canain air, Ach fàir do làmh mo charaid chiùin, ’Us cur an smalan so air chul; Oir chi sinn fathast tir nan stùc. ’Us bidh’ sinn sunndach aighearach. Air son na tiom chaidh seach cho luath, ’S air son gach caraid a tha bhuain, O! eirich cuir an deoch mu ’n cuairt, ’S bidh cuach againn ’s an dealachadh. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. “Eagle Parlor” Matches Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe. Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, MONTREAL, TORONTO. [TD 273] [Vol. 5. No. 36. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 13, 1897. No. 36. Litir a Alba. Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a ghàraidh Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA,—Ma ’s math mo chuimhne b’ ann Latha Samhna a sgriobh mi ugad an litir mu dheireadh. Is iomadh rud a thachair o’n uair sin. Is iomadh ceann a chaidh an currac agus deur goirt a shileadh o’n a chaidh an t-Samhainn seachad. Aig Dia tha fhios co bhios beò, slàn aig an ath Shamhainn. Ach fhad ’s a bhios sinn beò, tha e mar fhiachan oirnn gach nì ’nar comas a dheanamh a chum a bhith ’cur as do ’n olc, agus a bhith ’cur ann do ’n mhath. Tha iomadh dòigh ann leis am faod daoine so a dheanamh. Tha ’n obair a th’ agad fhein o latha gu latha a’ deanamh mòran a bharrachd math air am bheil daoine ’smaointean. Tha thu ’toirt dhùinn mòran de dh’ eòlas agus de dh’ fhiosrachadh nach fhaigheamaid air dhòigh sam bith eile. Tha mi ’faicinn gu [?] iomadh Gaidheal treun, tapaidh a’ seasamh air do chùl, agus a’ toirt dhut cuideachaidh agus misnich. Ach tha e glé chomharraichte, gur e fior bheagan cuideachaidh agus misnich a tha Gaidheil na h-Alba ’toirt dhut, an coimeas ris na dh’ fhaodadh iad a thoirt dhut, nam biodh iad a’ deanamh an dleasdanais. Tha eagal ormsa nach ’eil feum sam bith dhuinn a bhith bruidhinn riutha; oir mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, “Cha ghluais bròg no bruidhinn droch bhean-taighe.” Ach lean thusa romhad, a laochain, agus tha e neònach leamsa mur dean thu feum math fhathast. Tha mi ’faicinn aon ni anns a’ MHAC-TALLA nach ’eil ’na chliù sam bith do dh’ iomadh fear a tha ’ga leughadh o sheachduin gu seachduin, agus is e sin, cho tric ’s a dh’ fheumar innseadh dhaibh nach ’eil iad ’ga phàigheadh. Mo nàire, mo nàire, air fear sam bith a ghabhas cuid agus caoimhneas dhaoine eile, agus nach pàigh air an son. Cha ’n fhàthaidh mise, agus cha mhac fàthaidh mi; ach tha mi cinnteach gu bheil iadsan nach ’eil a pàigheadh a MHIC-TALLA a’ cosg mòran a bharrachd air prìs a’ phaipeir ann an nithean gun fheum eadar dà cheann na bliadhna. Tha mi cinnteach nach gabh iad gu math uamsa no o fhear eile so innseadh dhaibh. Ach is i an fhirinn a tha mi ’g innnseadh dhaibh. Ma tha am MAC-TALLA beag leis na Gaidheil, is fhurasda dhaibh a dheanamh mòr, ma thogras iad fhein. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Cha sluagh duine ’na onar.” Tha thusa ’deanamh na’s urrainn dut. Cha ’n ann a’ brosgul riut a tha mi, oir tha mi cinnteach nach d’ ith mi greim de bhonnach a’ bhrosguil riamh; ach their mi gu bheil thu deanamh obrach nach d’ rinn ’s nach dean fear eile ach thu fhein. Is tu a’ cheud fhear a chuir pàipear-naigheachd Gàilig air a chois, agus ma thachras gu ’n teid am pàipear bàs le cion cuideachaidh o Ghàidheil an t-saoghail, cha chreid mi gu ’m bi aig fear eile de mhisnich na dh’ fheuchas ri pàipear eile a chur air a chois. Tha mi ag earbsadh nach bi na Gaidheil cho beag meas orra fhein ’s air an cànain ’s gu leig iad bàs leis an aon phaipear a tha o sheachduin gu seachduin a’ labhairt riutha anns a’ chainnt a dh’ fhoghlum iad aig glùin am mathar. So mar a thuirt duine òg o chionn ghoirid:— “Horò ’s toigh leam, ’s toigh leam, ’s toigh leam, Horò ’s toigh leam fhein a’ Ghailig; ’S toigh leam i ’s gach àit am bi mi, Bheir i ’nam chuimhne mo mhàthair.” Bha deadh gheamhradh againn air an taobh so de ’n chuan. Thainig sneachda gu leòr; ach bha sin glé nàdurra. Bha reothadh glé theann o’n a thàinig a’ bhliadhna ùr gus o chionn latha no dha. Tha e air a ràdh gur còir gu ’m bi tri latha de ’n iuchar ’s an fhaoileach. Bha sin againn am bliadhna. Tha ’m buntàta ’s an sgadan glé ghann anns a’ Ghaidhealtachd. Ach o’ n a tha am buntàta glé phailt anns a’ Ghalldachd, cha bhi e cho daor ri’ cheannach an àm na curachd. Tha ’churachd a’ dol an aghaidh dhaoine gu mòr o chionn àireamh bhliadhnaichean. Mur b’e na bheil a’ tighinn de mhin ugainn an nall à America, cha bhiomaid beo. Mar is trice, tha ’n samhradh ’s am foghar cho fliuch ’s nach ’eil an t-arbhar a’ gabhail bidh. Is ainneamh a chithear fear a’ dol do ’n mhuillean le gràn. Tha ’n àireamh a’s mò de mhuillean na dùthcha air an leigeil o fheum. Leis cho teann ’s a bha ’n reothadh o’n a thàinig a’ bhliadhna, cha d’ rinn daoine a’ bheag a dh’ obair tuathanachais, mur d’ rinn iad beagan feamanaidh. Tha mi ’n dòchas nach bi thu cho fada gun chluinntinn uam a rithist. Is mi do charaid, BODACHAN A’ GHARAIDH. Seann Latha Fheill Brighde. A Eilean a’ Phrionnsa. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha ’n t-àm agad cluinntinn uamsa. Cha ’n e nach robh cuimhne mhath agam gun d’ ruith bliadhna bho’n chuir mi ’n dolair ugad an uiridh. Thug mi dolair do dhuine àraidh o chionn mhios no còrr air son a chur ad’ ionnsuidh. Gu de dh’ innis e dhomh an là roimhe ach nach d’ fhuair e almsadh air sgriobhadh ugad fad na h-uine sin, ’s gu’n robh m’ airgiod fathast air a laimh. Mise a leughadh paipeir gun phaigheadh ’s mi gun fhios agam nach robh mo dholair ’nad’ sporan. Nach fabharach nach d’ rinn e coire do m’ fhradharc! Tha mi ma ta, a cur an dolair ugad an so. Tha aon ni a rinn MAC-TALLA air mo shonsa, thug e mi gu leughadh na Gàilig. Cha robh mi ach gle mhabach innte ’nuair thoisich mi air fhaotainn, ach leughaidh mi ’n diugh gach facal dheth. Tha mi faotainn iomadh ni taitneach ann; a bharrachd air gach deadh ni a tha tighinn ugainn bho pheann an fhir-dheasachaidh fhein, tha na Gaidheil choire a cur ugainn as gach cearn de ’n t-saoghal litrichean agus nitheabh eile a tha anabarrach taitneach. Tha sinn gu mor nan comain. Is mor an t-eolas a fhuair na Gaidheil air a cheile bho ’n thoisich MAC-TALLA air tighinn a mach. Cha ’n eil moran a lathair de ’n t-seann mhuinntir a thainig á Alba agus a thuinich anns a sgire so leth-cheud ’us tri-fichead bliadhna air ais. Thainig mo sheanairsa, Eoghann Domhnullach, do ’n tir so corr math ’s leth-cheud bliadhna, á Portrigh ’san eilean Sgiathanach. Cha ’n eil ach sea bliadhna bho ’n chaochail e. Bha e ceithir fichead ’sa deich aig àm a bhais. Chaochail Coinneach, a mhac, fada roimhe fhein. Is mise mar sin, do charaid, IAIN A. MAC COINNICH MHIC EOGHAINN. Strathalba, E. P. I. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil an Comunn Gàilig ann a Halifax a’ soirbheachadh. Bha na h-oifigich air an taghadh oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, mar a leanas:—Ceann-suidhe—an t-Onarach Uilleam Ros; Iar-Chinn-shuidhe—D. A. Gillios, agus Dr A. H. Mac Aoidh; Rùnair—Eos. D. Sutherlan; Ionmhasair—I. Camaran. Tha sinn an dòchas gu’m bi saoghal fada aig a chomunn ùr so, agus gu’n deanar moran obrach leis as leth cainnt aosda nan Gàidheal. ’S mor an call nach eil comunnan Gàilig na’s lionmhoire ’san dùthaich so na tha ad. [TD 274] [Vol. 5. No. 36. p. 2] Na Marbhrannan. (Air a leantuinn.) Airson aobhar no dhà tha ’n t-seana bhardachd so dhuinne ro luachmhor; ach feudar a radh le firinn ma bheirear air falbh á “Oisean” Mhic-Mhuirich no á “Seann Dana” Mhic-a-Ghobhainn na Marbhrannan, gun toirear air falbh a’ chuid is luachmhoire d’ am bardachd. Tha moran de na “Seann Dana” a’ giulan an ainm Cumha no Caoidh no Tuireadh—mar so Tuireadh Armhoir; Caoidh Chrimine;—a ris Bas Dhiarmaid; Tiomnadh Ghuill; agus mar sin sios. Agus a thuilleadh air so, is Cumha no Marbhrann ann am firinn a mhor chuid de’n chorr, cia air bith an t-ainm. A rìs cha ’n ’eil teagasg eile, saoilidh mi, cho luachmhor ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich no ni, a reir mo bheachdsa, a tha togail na bardachd sin cho ard os cionn gach bardachd Ghaidhealach eile a tha againn, ris an urram a tha cuimhne nan laoch a thuit ’s a’ chath, a’ cogadh gu gaisgeil airson cuis ’us aobhair an sluaigh ’s an duthcha, a’ faotainn o gach neach is airde inbhe agus is cliuitiche ainm. Cha ’n fhaighear, ma dh’ fhaodte, ann an “Oisean” na ceudan sreath air an lionadh leis gach buaidh a bhuineadh do ’n treun a thuit, agus gach buaidh a b’ aithne do ’n bhard a chur ann an cainnt, co-dhiu bu bhuaidh i bha dligheach do aon d’a luchd-eolais no nach b’eadh; ach gheibhear air gach taobh duilleig de “Oisean” feart gu mor is urramaiche na so agus air gach doigh is freagarraiche airson teagaisg sluaigh. Gheibh thu daoine calma, treuna air an aonadh a sheasamh coir an duthcha agus an sluaigh. Gheibh thu mnathan malda, maiseach, an seilbh air urraim mhoir agus fo dheadh chliu. Gheibh thu na baird ard ann an urram, airson an treuntais, an gliocais, agus an gluasaid. ’Se dleasdanas nan daoine so a bhi giulan chumhnantan sithe eadar naimhdean. Mur ’eil e comasach sith a dheanamh, tha ’m bard a’ dusgadh mis neach ’us gaisge an t-sluaigh, agus ’g an leantuinn do ’n chath, “le cruaidh bhrosnachadh nan dàn.” ’Se am bard is seanachaidh no fear-eachdraidh, agus is e ’dhleasanas an deigh a’ bhlair cuimhne ghleidheadh air mar a’ ghluais gach neach e fein, agus cliu nan treun a thuit ’s a’ chath a sheinn. ’S e is fear-teagaisg; oir an uair a tha ’n t-arm a leigeadh an sgìths’ air an turus, no anns an anmoch an deigh cath an latha a chur seachad, tha ’m bard ag innseadh “Sgeul air àm a dh’ fhalbh.” Tha ’n oigridh a’ faighinn eolais o a bheul air an doigh is taitniche agus is druightiche air an gabh foghlum toirt seachad—le eisempleir nan daoine a chaidh romhad—an doigh air an do ghluais iadsan iad fein ri uchd cruadail, agus an t-urram a choisinn iad airson an deanadais. Bha an teagasg so gun teagamh easbhuidheach. Cha robh a’ bheag de leughadh, de sgriobhadh, no de chunntas ann. Cha sheasadh clann Ghaidhealach an là ud ach dona aig ceasnachadh ar latha-ne agus cha choisneadh iad moran cliu no airgid do ’n mhaighstir-sgoile. Cha labhradh iad focal Beurla agus, cuis is iongantaiche, cha robh naire orra dheth. Ach aineolach, rianail, mar a bha ’n cor, a reir teagaisg ’us creideamh ar latha-ne, tha mi meas gu ’m faigheadh ar luchd-teagaisg-ne leasan no dha uapa a b’ airidh air iunnsachadh. A dh’ aon ni, thuigeadh na sgoilearan o shean cainnt am maighstir; agus is mor an ni so. A rìs bha ’m bard a’ teagasg d’a luchd-eisdeachd gu ’n robh duthaich aca, gu ’n robh sinnsearachd aca, agus nach bu ni mi-choltach gu ’m biodh sliochd aca. Bha e teagasg gu ’n robh dleasdanais chudthromach, sholuimte air an leagadh orra, nach faodadh iad gun chionta mor a dhearmad, do thaobh an duthcha, an aithrichean, agus an cloinne. Coir do dhuthcha agus do shluaigh a sheasamh agus an cliu a chur am farsuingeachd—a bhi cuimhneach air na daoine o’n d’ thainig thu—na beannachdan a mheal thu fein aisig ’n an lan neart do d’ chloinn—do bheatha orduchadh a chum agus gu ’n seall na ginealaich a thig a’ d’ dheigh air an ais le tlachd agus le urram ri cuimhne nam parantan a ghin iad—a bhi anns gach ceum do d’ bheatha a’ gleidheadh air chuimhne gur tusa an ceagal ann an eachdraidh do shluaigh eadar an t-àm a bha agus an t-àm a bhitheas;—b’e ni-eigin còsmhuil ri so, air a thoirt seachad le teangadh cheolmhor a’ bhaird, an teagasg a gheibheadh an t-oganach Gaidhealach o shean, agus easbhuidheach ’us mar bha e, saoilidh mi gur ann easbhuidheach da rireadh a tha ’n teagasg anns nach faighear a bheag no mhor de ’n t-seorsa air a chur fa chomhair na h-oigridh anns gach linn. B’e so, tha mi meas, brigh teagaisg “Oisean” Mhic-Mhuirien, cia b’e chuir ri cheile e. B’e modh no doigh an teagaisg cliu an àm a dh’ fhalbh agus daoine treuna a bha. Seall air na dain fa seach. ’S e cheud sreath de “Chath-Loduinn” “Sgeul ri aithris air àm o aois,” agus tha ’n sgeul a sin a’ toiseachadh. Tha “Carraig-Thura” a’ fosgladh le sealladh greadhnach air luidhe greine; agus tha Fionn ag iarraidh fonn o “Shonn nam bard” mar so: A ghutha Chona, ’s airde fuaim, A bharda tha luaidh mu aois, D’a n-eirich air ar n-anam suas Feachdan mor nan gorm-chruaidh laoch; ’S taitneach leam aoibhneas a’ bhroin, Mar dhriuchd mothar earraich chaoin Fo ’n lub geug dharaig nan torr ’S an duilleach òg ag eirigh maoth. Togaibhse, mo bhaird, am fonn Am maireach bithidh long fo sheol, &c. agus tha sin na baird a’ togail an fhuinn. ’Se steigh “Charthuinn”: Sgeul ri aithris air àm o aois; Gniomh’ran laithean nam bliadhna dh’ aom. Tha “Oigh-nam-mor-shul” a’ toiseachadh: Mar ghluaiseas solus speur fo sgleò Air Laruion mor is uaine tom; Mar sin thig sgeul nan triath nach beo Air m’ anam ’us an oidhche trom. Ann an “Croma” tha Oisean aosda ag innseadh do Mhalmhina sgeul air linn oige: Eisd sa ri mo shean, sgeul, oigh; Tha mo chuimhne air òige nam buadh. A rìs anns an dàn “Calthonn ’us Caolmhal,” tha ’m bard aosda a’ feoraich: An cluinn thu, shil na còs an craig, Fonn o Oisean mu òg ghniomh fein? Tha m’anam-sa mu ’n aimsir mhoir; Thill solus ’us sòlas do thriath. Agus tha ’n dàn mu dheireadh ’s an leabhar a’ fosgladh mar so: An cuala Oisein guth neo-fhaoin? No ’n gairm laithean fo aomadh a th’ ann? Tric mo smuain air aimsir nan raon, Mar ghrein fheasgair tha claon an gleann. Nuadhaichear mor thorman na seilg, Sleagh fhada nam marbh a m’ laimh. Agus ma thiunndas sinn gu euchdan Chuchullin ’us Fhionnaghail mar a gheibhear iad anns an dàn a th’ air ainmeachadh air Fionnaghal fein, gheibh sinn an teagasg ceudna. Tha na laoich a’ cruinneachadh gus a’ chath mar so: Chluinnte’ fuaim nan arm ’s gach ceum; Meaghal mhiachon, ’cleasadh ard; Duain ’g am muchadh anns gach beul, Gach curaidh treun ag iarraidh blair. An deigh a’ bhlair tha ’m bard a’ seinn cliu nan laoch a thuit ’s a’ chomhrag: Bi deurach air carragh nam fuaim, A nighean uasal ionis nan long; Lub do ghnuis aluinn thar chuan, Thusa, is gloine na taibhs’ air thom, A dh’ eireas suas gu mothar, mall Mar ghath grein air samhchair nam beann; Thuit, ghrad thuit e ’s a’ bhlar, Tha oig-fhear do ghraidh gun tuar Fo lainn Chuchullin bu shar, (Ciod dh’ fhag thu cho bàn ’s cho fuar?) Cha ghluais e gu cruadal gu brath, Cha bhuail e fuil ard nan saoi; Thuit Treunfhear, og Threunfhear, gu bàs, Oigh, cha ’n fhaic thu do ghradh a chaoidh; Tha mhiol-choin a’ caoineadh gu trom Aig baile, ’s chi iad a thaibhse; Tha bhogha gun taifeid ’s e lom: Air tom tha farum a’ bhlair. An uair a tha ’n oidhche teachd, gun fhios fathasd co taobh a bhuannaich, tha Cuchullin a’ cur a’ bhaird a thoirt cuireadh d’a namhaid thun na feille, oir ’S fada fiadh Lochlin o’n laoch, A thalla faoin is fada thall. Chaidh an cuireadh a dhiultadh. An uair a tha ’n fheill seachad, tha ’n righ a’ toirt aithne do’n bhard: A Charuill, tog do ghuth go h-ard Air gach linn a bh’ ann nach beò; Caithear oidhche ann am min dhàn; Faighear gairdeachas ’s a’ bhron. Tha Carull ag innseadh sgeul air Cairbre ’s air Cridhmor. An uair a tha i criochnaichte; “’S binn do ghuth, a Charuill, dhomh fein,” Thuirt triath Eirinn bu ghuirme suil; “’S binn d’ fhocail, a’ bhaird, ’s a’ bheinn Ag eirigh o àm nan cliù; Iad cosmhuil ri braon nan sian ’N uair sheallas a’ ghrian air raon [TD 275] [Vol. 5. No. 36. p. 3] Caol fhaileus a’ siubhal air sliabh, ’S an osag gu mall ’us gu caoin.” An sin chaidh faire chur air coigrich a chuain; agus “Luidh sloigh air aomadh fraoich Fo reula ’s gaoth na h-oidhche; Tanais churaidh thuit ’s a’ bhlàr, Neoil ghruamach mu’n cuairt a’ snamh; ’Us fada thall air machair Lena Chluinntear eigh a’ bhais.” Mar so tha cheud duan de “Fhionnaghal” a’ criochnachadh. Is co-ionann teagasg do ’n bhardachd oirdheirc so g’ a crich; agus tha mi meas gur mor an call air iomadh doigh nach ’eil oigridh na Gaidhealtachd na ’s eolaiche oirrena tha iad. Ged nach ’eil “Sean Dana” Mhic-a-Ghobhainn a’ nochdadh, ma dh’ fhaodte, neart ’us cumhachd inntinn cho mor ri “Oisean” Mhic-Mhuirich, tha cuid de na dain, agus gu sonruichte cuid de na marbhrannan, a bheir barr, ann am fior mhaise, a reir mo bheachd, air aon a gheibhear anns an t-saothair is ainmeile. Ann an “Dan an Deirg.” gheibhear, ma ’s maith mo bharail, an dà “Chumha” is maisiche, agus is druightiche, ann an cainnt agus an smuain, a gheibhear an Gaidhlig. ’Se sin “Tuireadh Armhoir” agus “Caoidh Chrimine.” Thuit Armor air ceann an airm Lochluinnich ann an Eirinn agus so mar a sheinn an seana bhard a chliu: Bha d’airde mar dharaig ’s a’ ghleann, Do luas mar iolair nam beann, gun gheilt; Do spionnadh mar osann Loda ’n a fheirg, ’S do lann mar cheò Léige gun leigheas. O! ’s moch do thuras gu d’ neoil, Is òg leinn, a laoich, a thuit thu! Co dh’ innseas do ’n aosda nach beò thu, No co do d’ òg-mhnaoi bheir furtachd? Chi mi d’ athair fo éire aois’, Gu faoin an dòchas ri d’ thigheachd; A làmh air a shleagh ’s i air chrith, ’S a cheann liath lom, mar chritheach ’s an t-sìn. Meallaidh gach neul a dhall-shùil, ’S e ’n duil gu ’m faic e do bharca. Thig deò gréin’ air aghaidh aosda, ’S a ghlaodh ri òigridh—“Chi mi ’m bàta!” Seallaidh a chlann a mach air lear, Chi iad an ceathach a’ seòladh. Crathaidh esan a cheann liath, Tha osna tiamhaidh ’s a ghnùis brònach. Chi mi Crimin’, a’s fiamh-ghair’ oirr’, A’ saoilsinn bhi air tràigh ’g ad fhaicinn. A bilibh ’n a suain a’ cur fàilt’ ort, ’S i le gàirdeinean ait ’g ad ghlacadh. Och! òg-bhean, ’s faoin do bhruadar; An t-uasal gu bràth cha ’n fhaic thu! Fad o dhachaidh thuit do ghràdh, An Innis-fàil fo smal tha mhaise. Duisgidh tus’, a Chrimìne, ’S chi thu gu ’n robh d’ aisling mealltach, Ach c’uin’ a dhùisgeas esan o shuain, No bhios cadal na h-uaighe crìochnaicht’? Fuaim ghaothar no buillean sgiath Cha chluinnear ’n a chriadh-thigh caol; ’S a dh’ aindeoin gach iomairt a’s seilg, Caidlidh ’s an leirg an laoch. A shìl na leirg’, na feithibh an treun! Guth sèimh na maidne cha chluinn e; ’S a shìl nan sleagh, na h-earbaibh á chomhnadh! Cha dean éighe-còmhraig a dhùsgadh. Beannachd air anam an laoich! Bu gharg fraoch ri dol ’s gach greis. Ard-righ Loi’eann, ceann an t-sluaigh, ’S iomad ruaig a chuireadh leis! Phos Crimine, Ban-Lochlunnach, an Dearg; agus a chum a gaol a dhearbhadh dh’ iarr Conan crion, maol, rosadach gu ’n rachadh an Dearg a shuaineadh ann am fuil Tuirc, agus a thoirt dhachaidh ann an riochd mairbh. Rinneadh so; agus chaoidh Crimine a fear: O thaibhse, bho àirde nan nial Cromaibh a dh’ iarraidh ur Deirg! A’s thigibh, òighean an Tréin, o’r talla, Le ùr-fhalluinn leibh do m’ ghràdh! C’ uime, Dheirg, an robh ar crìdh Air an snìomh co dlù ’n ar com? A’s c’uim’ a spìonadh thusa uam, ’S an d’ fhàgadh mise gu truagh trom? Mar dhà lus sinn ’s an drùchd ri gàire, Taobh na creige ’m blàs na greine, Gun fhreumh air bith ach an aon, Aig an dà lus aobhach aoibhinn. Shèun òighean Chaothain na luis, Is bòidheach leo féin am fàs! Shèun a’s na h-aighean eutrom; Ged thug an torc do aon diu ’m bàs. Is trom, trom, ’s a cheann air aomadh; ’N t-aon lus faoin tha fathasd beò, Mar dhuilleach air seargadh ’s a’ ghréin— O! b’ aoibhinn bhi nis gun deò! A’s dh’iadh onn oidhche gun chrìch; Thuit gu sìor mo ghrian fo smal. Moch bu lannair air Mòr-bheinn a snuadh, Ach anmoch chaidh tual an car. S ma thréig thu mi, sholuis m’ àigh! Tha mi gu là bhràth gun ghean. Och! mur éirich Dearg o phràmh, Is duibh-neul gu bràth a bhean! ’S duaichnidh do dhreach; fuar do chrìdh’; Gun spionn’ ad làimh, no clì ad chois. Och! ’s balbh do bheul a bha binn; Och ’s tinn leam, a ghraidh, do chor! Nis chaochail rughadh do ghruaidh, Fhir nam mòr-bhuadh anns gach cath! ’S mall, mar na cnuic air ’n do leum, A’ chas a chuir éilde gu stad. A’s b’ annsa Dearg seach neach fo ’n ghréin o! Seach m’ athair deurach, ’s mo mhàthair chaomh. Tha ’n sùil ri lear gu tric ’s an éigheach; Ach b’ ansa leamsa dol eug le m’ ghaol! A’s lean mi ’n céin thar muir a’s glinn thu, ’S ’laidhinn sìnte leat ’s an t-sloc; O! thigeadh bàs no torc do m’ reubadh, Neo ’s truagh mo chàramh féin an nochd. A’s rinneadh leaba dhuinn an raoir, Air an raon ud cnoc nan sealg; ’S ni ’n deanar leab’ air leth an nochd dhuinn, ’S ni ’n sgarar mo chorp o Dhearg! Tuirlibh, o thaibhse nan nial, O ionadan fial nam flath! Tùirlibh air ghlas-sgiathan ur ceò, A’s glacaibh mo dheò gun athadh! Oighean tha ’n tallaibh an Tréin, Deilbhibh ceò-éideadh Chrimìne; Ach ’s annsa leam sgiobul mo Dheirg; A’ d’ sgiobuls’, a Dheirg, bìom! Chuir e uair no dhà ioghnadh orm mu ’n dà mharbhrann, ma dh’ fhaodte, is fearr a tha againn, gur ann do Lochlunnach a rinneadh an dara aon, agus gur ann am beul Ban-Lochlunnach a chuir am bard an t-aon eile. Cha ’n ’eil sinn a nis cho deas a thoirt a leithid so de urram d’ar naimhdean. Saoilidh mi gu bheil am bard a’ nochdadh a thuigse agus a chomais anns an tuireadh throm, fhearail a tha e deanamh air an t-saighdeir; agus anns a’ chaoidh chraiteach, ghoirt a tha e ’cur am beul na mnà. Mur biodh fios gur i a Chrimine a lean Armor á Lochluinn agus, an uair a thuit e, “A rinn a leaba gun luadh ri eirigh,” a luidh goirid ’na dheigh sin marbh ri taobh an Deirg, bhiodh m’ earbsa á dilseachd nam ban na bu mho; ach is ni-eigin de thoilinntinn gu ’m bu Bhan-Lochlunnach agus nach bu Bhana-Ghaidheal Crimine.—D. M‘K. ’sa Ghaidheal. Cumail Beo na Gailig. (Air a leantuinn.) Feumaidh sinn toiseachadh aig an ath-thoiseach—an toiseach mar thubhairt mi, againn fein agus na dheigh sin aig a chloinn ann an sgoilean na Gaidhealtachd. Ma sheallas sinn air Reachd-riaghailt an teagaisg fo bheil sgoilean na Gaidhealtachd aig an àm so chi sinn nach eil an cothrom aig a Ghaidhlig a bu chòir a bhi aice. Tha i air a cur f’ar comhair mar chanain choimhich mar nach buineadh i idir duinn fein no d’ar dùthaich. Tha ’n còrr cothrom aig cànainean marbha mar tha Laidinn ’us Gréigis, neo aig cànainean coigreach mar tha Frangais agus an teanga Ghearmailteach. Tha cànain ar leanabais agus tùs torrach ar n’ òige air a mi-mheas agus air a pùcadh ’s na cùiltean a fradharc. Tha fhios againn gur ann tre shaothair nach bu bheag a tha i idir air a leigeadh a stigh gu eadhon iomal a bhaidne chànainean d’am beil àit’ air ainmeachadh san Reachd. Cha cheart gu’m bitheadh so mar so nas fhaide. Féumar gach bacadh a tha tighinn na lorg a chur as an rathad, agus féumar cothrom fhaotainn do chànain ghloin ar beatha—cothrom co dhiù cho maith ’s a th’ aig cànainean tiorma nach buin dluinn idir, agus nach gabh air chor no sheòl sam bith a bhi cho feumail. Bu chòir do’n Mhòd gun dàil sealltainn thairis air an Reachd agus oidhirp a dheanamh a chum na tha mearachd ann a chur ceart, agus na tha dhith air a leasachadh. An ath ni, bu chòir dhuinn leabhraichean teagaisg freagarrach ullachadh, a ruitheadh an ceuman a’ chleachdaidh-theagaisg a thatar aig an àm a leantuinn anns na sgoilean. Bu chòir ar bàrdachd fhallain, ar gnàth-fhocail, eòlas air oibre nàduir, earranan matha de ar sgeulachdan ’s de ar n-eachdraidh, agus a bheag na mhor ma dhealbh agus mu eachdraidh na Gaidhlig fein a bhi anns na leabhraichean so; agus cha’n fhios nach bu chòir do’n Mhòd an leithid so de leabhraichean a thoirt seachad fior shaor, na eadhon a nasgaidh, co dhiu airson bliadhna no dha, do na sgoilean a gheallas gu’n cuir iad gu buil mhath iad. An deigh so, an deigh dhuinn an t-slighe fhosgladh agus a dheanamh reidh, agus an deigh dhuinn na meadhonan-foghluim a chur an laimh na h-òigridh, is e an ath ni gu’m feum sinn air gach uile dhòigh, leis gach uile (Air a leantuinn air taobh 278.) [TD 276] [Vol. 5. No. 36. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, AM MART 13, 1897. Tha litir anns an àireamh so bho ar deagh charaid “Bodachan a Ghàraidh.” Tha sinn cinnteach gu’m bi na Gàidheil anns gach cearna gle thoilichte cluinntinn uaithe aon uair eile, oir tha a litrichean an còmhnuidh taitneach. B’ fhearr leinn gu’n gabhadh ar leughadairean uile na comhairlean a tha e toirt orra, agus gu’n deanadh iad an uile dhichioll air teachd an-tir a chumail ris a MHAC-TALLA. Tha cothrom aig na Gàidheil nach robh aca riamh roimhe—paipear-naigheachd ’nan cànain fein—agus ma leigeas iad leis a dhol bàs, cha’n eil e ro choltach gu’m bi an cothrom ceudna air a thoirt daibh tuilleadh. ’S coir dhaibh uime sin deanamh cho math ris a MHAC-TALLA ’sa tha ’nan comas. Tha sinn an dòchas gu’n cluinn sinn gu math tric o’n “Bhodachan” air a bhliadhna so: tha fhios againn nach e cion na toile a chum e cho fada gun sgriobhadh, ach cion a’ chothrom. Gu ma fada beò e! Tha cùisean ann an Crete a cur iomguin mhor air luchd-riaghlaidh na Roinn-Eòrpa. Chuireadh fios a dh’ ionnsuidh na Gréige ag àithne dhi gun chuideachadh sam bith a thoirt do na Creitich, ach dhiùlt a Ghréig sin a dheanamh. Tha na rioghachdan mora a nise gun fhios aca ciod is còir dhaibh a dheanamh. Ma theid iad a smachdachadh na Gréige, bidh riaghladh na dùthcha sin air a chur bun os cionn leis an t-sluagh, agus ma leigeas iad leis a Ghréig a dhol air adhart mar is miann leatha, cha’n eil dad is cinntiche na gu’m bi cogadh eadar na dùthchannan a’s motha ’san Roinn-Eòrpa. Tha e doirbh dhaibh mar sin an cùrsa ceart a roghnachadh. A reir colthais tha làn dhùil aig an Riaghladh Bhreatunnach ri cogadh a bhristeadh a mach an ùine gun bhi fada. Tha soithichean-cogaidh ’gan togail ann an Devonport, air am bheil mu choig mile saor ag obair, agus fhuair iad sin òrdugh o chionn ghoirid obrachadh an deigh nan uairean a chum ’s gu’m biodh na soithichean air an criochnachadh gun dàil sam bith. Tha sinn toilichte gu bheil an t-sanais a thug sinn o chionn ghoirid a thaobh a bhi cur litrichean dh’ ionnsuidh MHIC-Talla a toirt a mach toraidh. Tha àireamh mhath litrichean air tighinn cheana, agus cha’n eil teagamh nach eil tuilleadh air an t-slighe. ’S math leinn a bhi cluinntinn mu chor nan Gàidheal agus mu na tha tachairt ’nam measg air feadh an t-saoghail; cha’n eil ’nar barail-ne ni a’s taitniche na bhi leughadh litrichean o chlanna nan Gàidheal as gach cearna ’sa bheil iad a’ còmhnuidh. Tha càirdean nan Armenianach toilichte ’nan inntinn a thaobh na h-iorghuil a tha ’n Crete, oir fhad ’sa mhaireas i, cha bhi cothrom aig an t-Sultan no aig a luchd-comhairle air innleachd sam bith a dhealbh air son cur as do Chriosduidhean Armenia. Tha sean-fhacal ag radh nach eil bàs duine gun ghràs duine, agus tha e gu math fior. Ma tha ’n tuaireap so olc do na Creitich, cha’n eil teagamh nach eil e toirt faochadh do na h-Armenianaich, agus tha feum aig an t-sluagh bhochd air sin. Bha McKinley, ceann-suidhe nan Stàitean, agus a bhean, air an t-seachdain s’a chaidh air aoidheachd ann an tigh-òsda ann a’ Washington, anns an robh iad turus roimhe o chionn choig bliadhna fichead air ais. Cha robh ann am McKinley an uair sin ach fear-lagha bochd a mhuinntir na dùthcha, air nach robh moran eòlas sam bith anns a’ cheanna-bhaile. Ach an diugh cha’n eil duine ’san dùthaich leis nach àill urram a dheanamh dha. Nach ann air fhéin a thainig an dà latha. Tha an t-Urr. Domhnull Mac Ille-mhaoil, ministeir na Mèinne Tuatha, an deigh leabhran beag a chur a mach anns am bheil dealbhan agus cunntas aithghearr air beatha nan Urramach Mata Wilson, Alasdair Mac Fhearchair, agus Uisdean Mac Leòid, D. D. Tha an leabhar gle thaitneach ri leughadh, agus cha ’n eil teagamh againn nach faighear creic mhath dha, oir tha moran leis ’m bu mhath fhaotainn mar chuimhneachan air na daoine còire mu ’m bheil e labhairt. Cha’n eil sgeul ùr sam bith á Cùba air an t-seachdain so, ach gu bheil Seanalair Weyler, ceannard an airm Spàinntich, an deigh an dreuchd a leigeil uaithe. Cha’n eil ùine mhor o’n ghabh e comand an airm sin, agus cha do choisinn e mor chliu dha fhéin no d’a dhùthaich fhad ’sa bha e aige. Cha’n eil fhios co-dhiu ’s ann na’s fhearr no na’s miosa bhios a chùis air tàilleabh an atharrachaidh so. Feumaidh duine glas guib a chumail air fhéin anns a’ Ghearmailt an àm a bhi toirt iomradh air an teaghlach rioghail. Fhuair bean Ghearmailteach o chionn ghoirid mios de ’n phriosan, air son i radh gu robh dealbh na ban-Iompaire na bu bhriagha na bha i fhéin! STOR UR TAILLEARACHD, Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair, MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 277] [Vol. 5. No. 36. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thatar an deigh tri fichead us coig mile deug dolair a chur cruinn ann an Canada air son muinntir nan Innsean. Bha an deigh gle mhath air an acarsaid air an t-seachdain so, agus bha na sleigheachan gu siùbhlach eadar an da bhaile. Bha réis each aig Sidni Di-màirt. Bho ’n thòisich a’ phlàigh anns na h-Innsean, thatar ag radh gu ’n do chaochail dluth air seachd mile leatha. Cha robh ach mu mhile gu leth de na ghabh a’ phlàigh beò as a deigh. Chaidh da shoitheach-smùide a luchdachadh le ùbhlan ann a’ Halifax o chionn beagan us seachdain, gu dhol a null gu Sasuinn. Bha coig mile fichead barailte air an cur air falbh eadar na dha. Bha Iain Sullivan ri bhi air a chrochadh ann am Moncton an dé. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn, cha robh e ’n deigh aideachadh sam bith a dheanamh gu robh e ciontach, agus bha e fhein ag radh nach deanadh e aideachadh. Chaochail fear Deòrsa Tullock ann am Preston, ann an siorrachd Halifax, o chionn che’-la-deug, a bha ceud bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann an Kelso, an Alba, ’sa bhliadhna 1797. Tha na paipearan ag radh gu ’m b e duine bu shine bha ’n siorrachd Halifax. Thainig boirionnach do ’m b’ ainm Mrs. E. P. Eastman ri beatha féin faisg air Moncton, N B., a sheachdain gus an dé. Bha i an droch shlàinte o chionn treis a dh’ ùine. Beagan roimh àm dinnearach dhùin i i-fhéin a stigh ’na rùm, agus loisg i oirre fhéin le gunna. Bha i marbh air ball. Tha Sir Domhnull A. Smith an deigh seòladh á Lunnainn gu tigh’nn a Chanada. Thatar ag radh gur e ’s aobhar dha tighinn gu bheil toil aige còrdadh a dheanamh ris an Riaghladh a thaobh luchd-imrich a tha air son tigh’nn a nall as na h-Eileanan Breatunnach. Dh’ fhàg e Lunnainn Di-ciaduin. Bha aiteamh mhor ann a sheachdain gus an diugh, a leagh moran de ’n t-sneachda ’sa rinn an deigh ’na bu ghloine na bha i. Bha aiteamh eile ann Di-ciaduin ’s Dior-daoin air an t-seachdain so a chuir as do mheall mhor de ’n t-sneachda. B’e Dior-daoin latha cho briagha, blàth ’sa dh’ iarradh neach mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna. Chaidh Aonghas Mac Neill, mac do Iain Mac Neill, S. W. Mabou, a mharbhadh le sgiorradh ann an New Hampshire air an darra latha deug dhe ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha e ’g obair anns a’ choille, agus bhual craobh a bha e leagadh air ’sa cheann, agus bha e marbh air ball. Bha e pòsda, agus bha mac dha, Uilleam, comhla ris ’nuair a thachair an sgiorradh. Chaidh tigh ’na theine ann an Peterboro, New Hampshire la na Sàbaid s’a chaidh, agus bha dithis dhaoine air an losgadh gu bas. Cha ’n eil fhios ciamar a thoisich an teine ach ’si bharail a th’ aig cuid gur ann ’sa rùm aig na daoin’ ud a thoisich e. ’Nuair a chaidh iad ann oidhche Shathurna thug iad galan ruma leotha, agus bha iad ’ga òl feadh na h-oidhche. B’ fhiach an tigh mu cheithir cheud deug dolair. Chaidh fear Seumas Mac-Gilleòlain a mharbhadh ann am mèinn Victoria a sheachdain gus an dé, le tòrr guail a thuit air ’se aig obair. Bha e tri fichead bliadhna ’sa dha a dh’ aois; rugadh e ann an siorrachd Ara, an Alba, ach bha e anns an dùthaich o’n a bha e ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha e ’na dhuine air an robh meas mor ’na choimhearsnachd. Dh’ fhàg e bean, triùir mhac, us triùir nighean. Chaidh a thiodhlacadh la na Sabaid s’a chaidh. Bha sluagh mor a làthair. Tha àireamh sluaigh Chanada air a mheas aig coig muilleinean, sia fichead us coig mile, ceithir cheud us sia deug air fhichead. (5,125,436). Di-ciaduin s’a tighinn tha Corbett agus Fitzsimmons a dol a shabaid. Tha na paipearan a’ toirt moran rùm do shaanachas d’ an taobh, barrachd mor ’s is fhiach iad. Tha réis each gu bhi air an acarsaid an diugh aig da uair. Tha tri duaisean ri bhi air an toirt seachad do na h-eich a’s luaithe, deich dolair fhichead, fichead dolair, agus deich dolair. Tha e air a radh gu bheileas a’ dol a chur drochaid mhor thairis air amhuinn St. Lawrence faisg air baile Chuibeic, agus gu bheil Riaghladh Chanada a dol a thoirt muillean dolair gus cuideachadh leis an obair. Thatar ag innse gu bheil pàrlamaid Nobha Scotia ri bhi air a sgaoileadh an ùine ghoirid, agus gu ’m bi aig an t-sluaigh ri pàrlamaid eile thaghadh an ùine gun bhi fada. Co-dhiu tha so fior no nach eil, tha ’n da thaobh a’ deanamh deiseil le ’n uile dhichioll. Bha tuiltean mora anns na Stàitean an iar deireadh na seachdain s’a chaidh. Ann an Arkansas, an Kentucky, ann am Missouri, ’s ann an Stàitean troimh ’m bheil an amhuinn Mississippi a’ sruthadh, bha ’n t-uisge anabarrach àrd, agus bha na tuiltean ri call mor. Tha àrd-chùirt nan Stàitean an deigh cur an aghaidh Bhram, agus cha ’n fhaigh e ’n càs fheuchainn tuilleadh. Chaidh binn bàis a thoirt a mach air Di-mairt s’a chaidh. Tha e ri bhi air a chrochadh air an ochdamh latha deug de Iun. Tha e fhathast ag radh gu bheil e neo-chiontach. Chaidh McGowan, a bhatar a feuchainn ann an Georgetown, E. P. I., air an t-seachdain s’a chaidh air son mort, a shaoradh leis an jury Di-satharna. B’i bhreith a thug iad, nach robh e ciontach de mhort, a chionn gu robh e as a rian aig an àm a rinn e an gniomh. Tha e ri bhi air a chumail anns an tigh-chaothaich. Chaochail seann duine ann an Neponset, Mass., o chionn mios a bha fuireach leis fhéin o chionn iomadh bliadhna, agus a’ tigh’nn beo air doigh gle bhochd. Fo charpet an rùm anns an robh e fuireach, fhuaireadh airgead agus paipearan is fhiach eadar leth-cheud us ceud mile dolair. Tha aon mhac aige air an tig an saibhreas sin gu h-iomlan. Mharbh fear Robert J. Powley, a bhean ann an Niagara Falls oidhche Di-luain. Bha iad dealaichte o chéile fad bliadhna roimhe sin, ach an oidhch’ ud bhrist e stigh do ’n tigh anns an robh ise, agus loisg e oirre tri uairean. Chaidh an lampa chur thairis agus chaidh an rùm ’na theine. Thainig daoine chur as an teine, agus fhuair esan teicheadh, ach mu ’n deach e fada chaidh a ghlacadh. Bha a bhean marbh am beagan mhionaidean. Bha dithis chloinne leotha fhéin a làthair nuair a rinneadh an gniomh oillteil. Thainig bàs cianail air dithis dhaoine a bha ’cumail an tigh-sholuis air Bird Rock, an ceann a tuath an eilean so. Chaidh triùir, Arsen Turbide, Damien Cormier, agus Tearlach Turbide a mach air an deigh mhòir, a sheachdain gus an dé, a mharbhadh ròn. Thòisich gaoth air séideadh, agus dh’ fhalbh an deigh leotha. Mu ’n d’ fhuair iad cothrom air tigh’nn gu tir, chaochail dithis dhiubh leis an fhuachd, Tearlach Turbide beagan an deigh meadhon oidhche, agus Cormier ’sa mhaduinn Di-satharna. Fhuair am fear eile gu tir oidhche na Sàbaid, mu ochd mile bho ’n àite dh’ fhag e, agus e air a reothadh gu dona. Cha ’n eil duine air a chreig an drasda ach bean Chormier. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 278] [Vol. 5. No. 36. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 275.) chuideachadh ’nar comas, an luchd-teagaisg a thoirt gu bhi faicinn gur e an dleasnas agus an gliocas gach uile chothrom a ghabhail gu bhi a teagasg cainnt am màthar agus an dùthchais do n chloinn. A chum so bu chòir, air leam, do’n Mhòd duais no dha a chur air bonn a bhitheas air an toirt do na maighstirean-sgoile a chuireas an t-àireamh a’s mò de sgoilearan Gaidhlig tre laimh na Fir-dhearbhaidh aig a Cheasnachadh bhliadhnail. Dheanadh fichead punnd Sasunnach a chaitheamh mar so feum mor. Bu chòir dhuinn mar an ceudna gach misneachd ’nar comas a thoirt do’n òigridh a chum gu’n ionnsaicheadh iad a Ghaidhlig. Tha na Comuinn air a Ghalldachd a tha ’cur leabhraichean mar dhuaisean gus na sgoilean a deanamh gu maith; ach dh’fhaoidte moran tuilleadh mar so a dheanadh, agus bithidh fiubhair againn gu’n deanar an còrr ’san àm ri teachd. Bu choir do’n Mhòd mar an ceudna guth a chur a mach, a sparradh gu h-àraidh air ministearean an t-Soisgeil gur nàr mi-chiatach an dearmad amaideach a tha iad a deanamh air cànain cridhe agus tuigse an cuid sluaigh. Na’n deanadh iadsan oidhirp dhùrachdach cheart gu taghadh agus gu òrduchadh bhriathran deas freagarrach dh’ éisdeadh an sluagh gu toileach, ach mur toir iad dhuinn ach cothlamadh aineolach neo-fhonnmhor gun bhlas gun snas, cha’n urrainn duinn éisdeachd no gabhail riu. Theid an Fhirinn fein an aghaidh ar goile le leithid so de riarachadh. Cha’n airidh a Ghàidhlig air a ghreidheadh so, oir is cinnteach, mar is maith is aithne dhuinne, nach robh meadhon-cainnt riabh air a bhuileachadh air daoine anns an gloinne a dh’fhaodar Soisgeul na Saors’ a chur an céil. Is iomadh latha mor ’nar cuimhne anns an cuala sinn briathran na slàint’ á beul nan daoine foghainteach nach mairean, a lionadh nan gleann le ceòl nach trèig ar n-anam fhad ’s is beò sinn, agus is ioma teagasg tioram gallda o na laithean sin a chaidh gun bhrigh gun drùghadh thar ar ceann gu tir na dichuimhne. Ach an deigh so uile tha laigse no neart, bàs no beatha, na Gàidhlig mar dh’fhaodar a radh ’nar lamhan fein—an laimh sluagh na Gaidhealtachd. Ma leigeas sinne ris gur maith agus gur toigh leinn ar cànain, agus gur miann leinn a cleachdadh cha bhi na ministeirean agus na maighstirean-sgoile fada gus am faic iad gur e an gliocas agus an dleasnas a Ghaidhlig a chur am meas. ’S ann air thoiseach a bu chòir dhoibh a bhi; ach ’s fearr air dheireadh iad na gun tighinn idir. Is fheumail duinn beachdachadh gu h-athghearr air mar a tha cànain sam bith a dol bàs. Tha am bàs a tòiseachadh aig a h-iomal agus ag itheadh a stigh mar an luibhre gu a corp agus mu dheireadh gu a cridhe. Tha i mar so, o thoiseachadh a ghalair a dol na’s lugha ’s na’s lugha, na’s cuinge ’s na’s cuinge, na’s maoile, na’s tiorma, na’s anmhuinne, gus nach eil ann di ach am plaosg, gun sgairt gun neart. Tha e soilleir gu ’m beil a Ghaidhlig air dol fada sios air an t-slighe mhiltich so. Chaill i mòran fhocal agus ainmeanan agus fior mhòran d’a dreach ’s d’a seann seadh a bha freagarrach na’n latha agus a bhitheadh fior fheumail dhuinne an diugh. Feumar iad so uile ath-bheothachadh. Feumar iomail agus sgiathan na canain a neartachadh a chum gu ’n sgaoil iad a mach gu glacadh uile-fharsuingeachd na h-inntinne. Bu choir duais no dha a bhi air an toirt airson a chruinneachaidh a’s fhearr de na focail a chaill sinn—an ceud focal abramaid a’s fheumaile agus a’s freagraiche gu bhi air an gabhail a stigh as ùr ’nar comhradh ’s ’nar conaltradh. Bu chòir ann an comhcheangal ris a so mìneachadh aithghear a bhi air a thoirt air eachdraidh agus air seann ghnathachadh nam focal a bu mhath leinn a thoirt air ais. Cha ’n aithne dhomh dòigh sam bith a’s fheàrr na so gus a Ghaidhlig a chumail beo—le a bhi ag ath-nuadhachadh a neairt agus a cur an greim am farsuingeachd. Bu chòir do ’n Mhòd na h-uile reach a nochd gu ’m beil dèidh dhùrachdach aige air a Ghaidhlig agus gach neach a dhearbh gu’n do rinn e saothair gus a chanain a rannsachadh agus a shoilleireachadh, a thrusadh agus a cheangal ri cheile na’n aon bhuidhean laidir—a chum mar so gu ’m bi a’ chomhairle a’s glice, am foghlum a’s farsuinge ’s a’s doimhne agus an t-eolas a’s airde a dol lamh air lamh gu bhi a cur air adhart ’s ag àrdachadh gach rùin agus gach cùis is crioch dhìleas d’ur n-oidhirp. Is e am Mòd a mhain is urrainn so a dheanamh. Tha e nise, le bhi air a chumail an sud ’s an so feadh na dùthcha, air faotainn greim air a Ghaidhealtachd, agus seallar air reachd sam bith a thig a mach uaithe mar ni aig am beil ughdarras agus cudthrom agus d’ an coir gach aire ’thoirt. Cha ’n ’eil teagamh nach seallar ris gus an ceum toisich a chumail ann a bhi cur ar cànain agus ar cleachdaidh-dhùthchasach am meas. Dh’ fhaodainn, na ’m b’ fheum sin, uile oidhirpean a Mhòid fein ainmeachadh mar dheadh dhoighean air a Ghaidhlig a chumail beo; ach ’s e bhi na’m bheachd anns a bheagan a sgriobh mi doighean na slighean eile a thoirt far comhair tre ’m beil dòchas again cuideachadh a thighinn gu’r dilseachd. Cha ’n ’eil teagamh nach d’ rinn sinn uile gus a so, mor dhearmad air ar dleasnas a thaobh ar canain agus a thaobh eachdraidh ar beatha fein. Cha ’n ’eil teagamh cuideachd nach d’ thainig ann an oidhche dhorcha eucail ar cinnidh namhaid a chuir cogal, dimeas, agus aineolais am measg cruithneachd brioghar ar n-eachdraidh. Dh’ fhas am pòr granda so cho gharbh, bhreun, ’s nach mor aach do mhùch e buileach as an teachd-an-tir bhlasdadh’ a altruim ar sinnsear gu calmachd tre ioma linn. Ach tha cabhanaich maidne soillse a fosgladh air binneinean uasal Tir nam Beann. Tha dimeas air dol as. Tha dorchadas na dheann-ruith le gleann ’s le stùchd. Cha ’n fhada gus am bi ar Grian an aird nan speur—agus an sin. Nuair a dh’ eireas a gnuis bhoisgeil Gu fial flathail fiamh geal caoineil oirnn Thig mathas ’us gniomh le saibhireachd. . . . . . . . . . . Le aoibhneas Greine soillseachadh Air an speur gur reidh a spaoileas i ’Cur an ceil gach feum a rinn i dhuinn G’a fhoillseachaidh ’s g’a mhòlachadh! DR. H. C. MAC ’ILL-IOSA. ORAIN LE MAIGHSTIR AILEIN. Fhuair sinn na h-òrain a leanas anns a’ Highland News, agus air leinn nach misde le moran d’ ar leughadairean am faicinn anns a MHAC-TALLA. Tha àireamh mhor dhiubh aig am bheil cuimhne mhath air “Maighstir Ailein,” sagart còir Shiudaig, ged a tha e nise fo ’n ùir fad choig bliadhna fichead. Rugadh e ann am Mùideart, an Alba. Fhuair e fhoghlum anns an Spainn, agus labhradh e cainnt na dùthcha sin cho fileanta ’s cho ceart ri gin de na Spàinnich fhéin. Thainig e do Cheap Breatunn, agus bha e àireamh mhor bhliadhnaichean a’ saoithreachadh ann am paraiste Shiudaig. Bha e anabarrach measail aig na h-uile chur eòlas air, ge b’e creud dhe ’n robh iad. Bha e ’na dheagh phiobaire ’s na dhannsair; agus rinn e iomadh òran. Cha ’n eil teagamh againn nach eil moran de chuid bàrdachd air chuimhne measg an t-sluaigh fhathast. Chaochail e ann an Siudaig ’sa bhliadhna 1872. Oran Molaidh. LEIS AN URRAMACH AILEIN MACILLEATHAIN. FONN— Ho an clo dubh He an clo dubh Ho an clo dubh ’S fhearr am breacan. Uidhist ghlas nan cradh-gheach* Tha ’n tràigh sin fada bho Ailean Ged is iomadh lamhach A dh’fhàg e an cois na mara. Is aithne dhomh gach àite Bhios grànnda ri cur an t-sneachda Is tric a ghabh mi tàmh ann Fodh sgàilean de dh’ fhilleadh breacain. Gheobh mi gunna sònruichte Air dòigh ’nur théid mi a Ghlaschu Is fearr na Nic anToisich Gad ’s mor a bòsd aig Domhull Sagart. Nur chuirinn ri m’ shùil e Gu fùdar a chur na dheannaibh Bhiodh Ròn Glas a stairrich Stoirm air ’s e dol gu astar. Mharbh mi ’n coileach riabhach An t-ian is briagha ann san ealtuinn ’S Mairi ghrinn ga spionadh Gu biadh ’dheanamh dha na sagairt. Mur a biodh am fùdair Air chùl nam peileiran glasa Cha robh h-aon a’s duthaich Chuireadh smùid ri coileach lachunn. * Shell-drakes: cradh-gheadh—strand-goose or strand-drake; ian breac geal ’s tha ’n coileach dhe ’n t-seorsa breac mu ’n amhaich. [TD 279] [Vol. 5. No. 36. p. 7] Oran. LEIS AN URRAMACH AILEIN MACILLEATHAIN. Do Mhiss Caimbeul, piuthar do Mhr Caimbeul, Sagart stuama suairce a dh’ eug ann an Dalibrog, Uidhist a Chinn-a-Deas, Nobhember, 1893. FONN— Nigheann donn a chotan duibh Nam faoduinn shuidhinn cuide riut Nighean donn a chotan duibh Nam faoduinn shuidhinn lamh riut. Nam bu bhàrd a thàireadh iùl mi Sheinninn dàn ’s gu’m b’àrd mo chliu ort Na nighean Barain na Diùca Tha suidh an cùirt na Banrighinn. Chuireamaid seachad gach gruaman ’S dh’ innseamaid le seorsa duanag Ribhinn òg bha ’m Bornish fhuarrach ’S mòr luaidh ’s gach aite. Cha’n eil fear aig a bheil oighreachd Eadar Manainn ’s Baile-Staoile Nach bi farraid dhiom le caoimhneas Maighdinn na sùl blàtha. Do chuailean craobhach daonnan maiseach N’an ciabh òr-bhuidh an òrdugh beacht Mala chaol fo’n caog an rasga ’S gruaidh mar dhearcag fàsaich. Tha do ghruaidhean mar na ròsan Ruiteach dearg air dealbh an neoinein Tha do dheud gu rèidh-gheal còmhnard ’S boidheach leam an caradh. Ciochan bàn-gheal lan du bhuadhan Sioda blàth cur sgàil mu ’n cuairt daibh Slios mar eala bhàn nan stuadha Air bhàrr nan cuantan càrr gheal. Calpa lionta min-gheal sunnta Le ceol fidhle piob no siunnsar Troigh is finealta ni tionndadh Grad air urlar clàraidh. Fhuair thu buaidh bu dual bho Dhiarmud Leanaidh pàirt gu bràch ri d’ iargin Cridhe blàth fo àilleachd chioch A rinn gach ciall a thàladh. Oran Molaidh a rinneadh mar Dhuais. LEIS AN URRAMACH AILEIN MACILLEATHAIN. Do mhaighdinn òg, Mairi Nic Rath, Ardintoul, mu choinneamh Lochaibhs, a thug dh lein’-aifhrinn. Tha seudan luachmhor an grunnd nan cuantan Nach deach a bhuannachd le luasgadh thonn. ’S tha geug na buadhan le fear nach cualas An diugh na m’ thuarmsa mas buaidh m’ fhonn. A Mhairi aoidheil nach tig thu ’n taobh-sa Le d’ chuailean craobhach na ’m maoth thlà donn A leug nan caoin-bhasan, do ghruaidh mar chaorunn ’S do shlios mar fhaoilinn air aoduinn thonn. ’S tu shiol nan àrmunn thog buaidh ’sna blàraibh O Chrò Chinntàil, inid thàimh nan sonn Bu chlis sa bhata ’s a bhristeadh charr-gheal, Is tric a shàraich iad lan damh donn. Tu shiol nan sealgaire a b’fhearr bha ’n Albainn A chleachd mar armachd an earr-chul donn ’S a bristeadh targaid air slinnean meanamach, Fir-iasgaich shàile, fir-fhalbh nan tonn. Gad sheinn gach Salmadair breac le tailmrich Air chorra-mheuran ’s an ear-ghlas lom ’S tu choisinn cliu le d’ chuid luinneag siùbhlach ’S a chuir glas-chiùil rir an siunnsar crom. Is fallam nadur na stuic o’n dh’fhàs thu Ta buaidh na slàinte fodh bhlath ad chom Mar lili bhàn air an lochan chàrra Us fiamh a ghair oirr’ air bàrr nan tonn. Do cheum is fhinealta theid san ridhle Le ceol na fidhle is misle pong Gach aon a chi thu am barail chinnteach Gur imeachd sìthe cliuth grinn do bhonn. Cha luaidh mi ainme do phearsa dhealbhaich Mu’n dùisg mi farmad us fearg ro throm Ged chuir do cheutadh Diana euchdach Ag altrum eud riut fodh sgeith nan tonn. Do bhuadhan nadur’ cha’n fhaodar aireamh Le caogad bardaibh an dàn le fonn Cha taig thu t’àilleachd gu ruig thu ’n sgathan ’S mo shoraidh slan le d’ chul fainneach donn. Chaidh seana-bhean Albannach uair do bhaile-gearasdain a choimhead mic dhi a bha ’san arm Aig dol fodha na gréine bha e ’na chleachdadh a bhi losgadh urchair a gunna-mor, agus air do ’n t-seana-bhean an urchair a chluinntinn ’si ’gu socair an tigh a mic, ghabh i clisgeadh uamhasach. “Iain a ghraidh, gu de tha siod,” ars ise. “Siod agaibh,” ars a mac, “dol fodha na gréine.” “An e, gu dearbh,” ars ise; “ma ta, cha robh fhios agam riamh gu ’n deanadh i leithid siod de bhrag a’ dol fodha.” Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4.; ’95 [TD 280] [Vol. 5. No. 36. p. 8] Guth a’ Chuain. LE DOMHNULL MAC EACHARN. Fanaibhs’ a chlann air a’ chòmhnard, A buain neòinean feadh nan tom, No ma ’s feàrr a chulaidh chleas e, Ruithibh greis am beul nan tonn. Diridh mise ’n àird am bruthach, Far am faic mi thugam ’s bh’uam; ’S bho na tha mi gann de chuideachd, Eisdidh mi ri guth a’ chuain. Tha ’n cuan dhòmhsa mar fhear-eòlais, Tigh’n am chòmhail air an tràigh, Fiamh a ghàir’ air aodan preasach, ’S a thuinn bheaga ’cuir orm fàilt’. ’S tric ’s na làithean a chaidh seachad, ’Bheachdaich mi air cruth nan stuadh, Tigh’nn le teachdaireachd na mara, Ga liubhairt air a’ chladach chruaidh. A bhi beachdachadh orr’ daonnan, Le ’n ceòl caochlaideach am chluais, Dh’ fhàg air m’ inntinn samhladh mòrachd, Nach dean briathran beòil a luaidh. ’S ged bha ’n teachdaireachd do-leubhadh, Gheuraich i, ar leam, mo smuain, Gu bhi rannsachadh na duibhre, ’Tha ga ’r cuibhreachadh mu ’n cuairt. Tha mar chùirteinibh na pàillinn, ’Cùirneachadh na h-àire mu ’n chùirt: ’S am meall neòil a tha g’a chòmhdach, Mar chirb glòire Righ nan Sluagh. Ann an teampull mor na cruinne, Tha ar cuid againn ’s a chuirt; ’S roinn-bhrat tribilt’ air ar n-inntinn, Ag cleth dìomhaireachd na cùis. Ciod, mata, is ciall do ’n t-sealladh, ’Chaidh a cheadachadh do ’n t-sùil? Nèamh ’us talamh mar fhaoin fhaileas, Air nach d’ fhuair sinn fathast iùl. Na speuran sgaoilt’ os cionn ar cinn, An talamh fillte fo ar ceum, ’Us freumh ar nàduir taoinnte dlùth, Mu gach duil ’s a’ chruinne-ché. ’S gach ni ’ghluaiseas sùil no cluas, A’ dùsgadh annainn smuain da réir; Còrdaibh fìnealta ar nàduir, Mar theud chlàr a ghnàth air ghleus. Maoth ghaoth chéit am measg nan geug, A luasgadh teudan gleisd nan crann, Air sgiathaibh mìn ag giùlan sios, Laoidhean binn nan iomadh rann. Bho chiùin mhonmhor braon air duille Gu àrd ghuth na gaillionn gharbh; ’Chreag a freagairt fuaim na tuinne, ’S gun aon ni ’s a’ chruinne balbh. Aom do chluas ’us éisd an luathghair ’Tha dol suas bho mhuir ’s bho thìr, ’S ged nach tuig smuain na chluinneas cluas, Creid nach ’eil an thuaim gun bhrìgh. Ciod ma tha gach bith ’s an domhan, A toirt molaidh ’réir a ghnè? Hallelùia, iomadh-ghuthach! Do ’n Tì ’chruthaich talamh ’s nèamh. Cuir do bhrògan bharr do chasan, So, da rireadh, tulaich Dhé, A naomh-reachd sgriobht’ air clàr gach clach, ’Us anns gach preas a laithreachd fein. Tha mi cluinntinn guth na cloinne, ’Glaodhaich, “Athair, thig a nuas!” Glaodh cho sean ri tùs na cruitheachd; Tha mi tighinn—“thig gu luath” A’ Mhathair agus a Leanabh. Cagaran, cagaran, Caidil, mo rùn; Tha ’n oidhche ’n a suain Air a chluain ’s air an dùn; Mar chuan ann am fèath, Gu domhain, ciuin, réidh, Mar sheamh-fheasgar samhraidh ’s an saoghal fo phràmh, Air caomh-uchd a mhathar tha ’n leanabh ’n a thàmh. Cagaran, cagaran, Annsachd a math’r; Gach moch agus anmoch, A h-ionmhas is fheàrr. A’ ghrian dhuin a sùil, Tha duibhr’ air gach dùil. Gu teàruint’ ’n a broilleach cha ’n fhairich thu sion, Co ’s coimeas do ’n mhath’ir air son pàisdean a dhion? Cagaran, cagaran, Gaol cha ’n ’eil ann, Is caoimhe na ’n gràdh A th’ aig màthair d’a clann; Tha ’suil chaomh a ghnàth, Orra ’dearcadh gu tlàth— Cia binn guth na mathar a’ gabhail a duain, A’ ciùineach’ a leinibh, ’s ga ’thàladh gu suain! Cagaran, cagaran, M’ àilleag ’s mo sheud! ’S do mhathair ga d’ fhaireadh Cha tachair dhuit beud. Caidil, mo leanabh caomh, Caidil gu ciùin ri m’ thaobh, Mar an t-eun beag ’s an nead ’n uair a threigeas an là, Fo sgiathan a’ ghraidh, ’s iad ga ’chomhdach gu tlàth. Cagaran, cagaran, Faic i ’n a suain! Réidhtich gu faicilleach Cluasag do m’ nan; Socraich a lamhan gaoil, A ceanglaichean leig mar sgaoil, Cuir ’n a laidhe gu sèamh i le cluasaig fo ’ceann, Anns a’ chliabhan d’ an t-seileach, ’s na tulg i ach fann. Cagaran, cagaran, Céile mo ghraidh, Cluinnidh mi ’tighinn A chas-cheuman aigh! Gach smuairein theid nis mar sgaoil, ’S e ’cromadh le aigne gaoil Lamh ri annsachd a chridhe a’s aoibhneas a shùl— Theid doilgheas an latha nis buileach air chùl! Eadar. le MAC-MHARCUIS. NA BAIRD GHAIDHEALACH.—Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air ’adhart 35c., no tri airson dolair. AITE COBHAIR. Labhair an t-Urr. T. C. Mellor, Rural Dean, Christ’s Church Rectory, Guysboro, N. S. mu K. D. C. o chionn ghoirid anns na briathran a leanas: “Tha mi gle thoilichte bhi comasach air teisteannas a thoirt mu luach K. D. C. airson cion-cnamhaidh, Bha mi fulang le droch stamaig, ach leighis K. D. C. mi. ’Nuair a dh’ fhairicheas mi e tuilleadh rium, gabhaidh mi K. D. C. agus leighsidh e mi gun dail. Molaidh mi K. D. C. ge b’e àite ’n teid mi.” An urrainnear dearbhadh a’s fhearr na so iarraidh. Tha sinn ag radh gur e K. D. C. an leigheas a’s fhearr a th’ann air cion-cnamhaidh. Tha K. D. C. Pills anabaarach math air tinneasan-cuim, agus ma ghabhar iad còmhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 281] [Vol. 5. No. 37. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 20, 1897. No. 37. Sgeulachd Sgire ma Cheallaig. LE FIONN. Bha Gille òg ann uair ’s chaidh e dh’ iarraidh mnà do Sgire ma Cheallaig, agus phòs e nighean tuathanaich, ’s cha robh aig a h-athair ach i fhéin, agus ’n uair a thainig àm buain na mòine, chaidh iad do ’n bhlàr mhòine ’n an ceathrar. ’S chuireadh a’ bhean òg dhachaidh air thòir na diathad, agus air dol a staigh dhi chunnaic i strathair n a làrach brice fos a cionn, agus thòisich i air caoineadh ’s air ràdh rithe féin de ’a dheanadh ise nan tuiteadh an t-srathair, ’s gu ’m marbhadh i i féin ’s na bha air a siubhal? ’N uair a b’ fhada le luchd buain na mòine a bha i gun tighinn chuir iad a màthair air falbh a shealltuinn de bha ’g a cumail. ’N uair a ràinig a chailleach fhuair i a bhean òg a’ caoineadh a steach, “Air tighinn ormsa,” ars’ ise, “de a thàinig riut?” “O,” ars’ ise, “’n uair a thàinig mi steach chunnaic mi srathair na làrach brice fos mo chionn, ’s de ’dheanainn-sa na ’n tuiteadh i ’s gu ’m marbhadh i mi fhéin ’s na tha air mo shiubhal!” Bhuail an t-seana bhean a basan. “Thàinig ormsa an diugh! na ’n tachradh sin, dé a dheanadh tu, na mise leat. “Bha na daoine a bha ’s a bhlàr mhòin’ a gabhail fadachd nach robh aon de na boirionnaich a’ tighinn, o ’n bhuail an t-acras iad. Dh’ fhalbh an seann duine dhachaidh a dh’ fhaicinn dé ’bha a cumail nam boireannach, agus ’n uair a chaidh e steach, ’s ann a fhuair e ’n dithis a’ caoineadh ’s a’ bas-bhualadh. “Ochon,” ars’ esan, “dé a thàinig oirbh!” “O,” ars’ an t-seana bhean, “’n uair a thàinig do nighean dhachaidh, nach fac’ i srathair na làrach brice fos a cionn, ’s dé a dheanadh ise na’n tuiteadh i ’s gu ’m marbhadh i i féin ’s na bha air a siubhal.” “Thàinig orms’” ars an seann duine ’s e bualadh nam bas, “na ’n tachradh sin.” Thàinig an duin’ òg am beul na h-oidhche lan acrais, ’s fhuair e ’n triùir a’ comh-chaoineadh. “Ubh ubh,” ars’ esan gu de a thainig oirbh. Dh’ innis an seann duine dha. “Ach ars’ esan “cha do thuit an t-srathair.” ’N uair a ghabh e biadh chaidh e laidhe, agus anns a mhaduinn thubhairt esan, “Cha stad mo chas gus gu ’m faic mi triùir eile cho gòrach ruibh. Dh’ fhalbh e so air feadh Sgire ma cheallaig, agus chaidh e steach do thaigh ann, agus cha robh duine a steach ach triùir bhan ’s iad a sniomh air coig cuigealan. “Cha chreid mi fhéin,” ars’ esan, “gur h-ann a mhuinntir an àite so a tha sibh.” “Ta,” ars’ iadsan, cha ’n ann; cha chreid sinn fhein.” “’S cha ’n ann,” ars’ esan. “Mata,” ars’ iadsan, “tha na daoine a tha ’s an àite so cho faoinn ’s gu ’n toir sinn a chreidsinn orra a h-uile ni a thoileachas sinn féin.” “Mata,” ars’ esan, “tha faine òir agam ’an so agus bheir mi e do ’n té agaibh a ’s feàrr a bheir a chreidsinn air an duine.” A cheud fhear a thàinig dhachaidh de na daoine thuirt a bhean ris, “Tha thu tinn.” “Am bheil?” ars’ esan. “O tha,” thuirt ise. “Cuir dhiot do chuid aodaich ’s bi a dol a laidhe.” Rinn e so; agus ’n uair a bha e anns an leabaidh, thuirt i ris, “Tha thu nise marbh.” “O am bheil?” ars’ esan. “Tha,” thuirt ise, “dùin do shùilean ’s na gluais làmh no cas,” Agus bha e so marbh. Thainig an so an dara fear dhachaidh, agus thubhairt a bhean ris, “Cha tu a th’ ann.” “O nach mi?” ars’ esan. “O cha tu,” thuirt ise. ’S dh’ fhalbh e ’s thug e a’ choille air. Thàinig an so an tritheamh fear a dh’ ionnsuidh a thaighe fhéin, agus chaidh e fhéin ’s a bhean a laidhe, ’s chaidh gairm a mach am màireach chum an duine marbh a thiodhlacadh; ach cha robh a bhean-san a leigeil leis-san éiridh gu dhol ann. ’Nuair a chunnaic iad an giùlan a’ dol seachad air an uineig dh’ iarr i air a bhi ’g éiridh. Dh’ éirich e ’n so le cabhaig mhoir ’s bha e ’g iarraidh a chuid aodaich ’s e air chall, ’s thubhairt a bhean ris gu ’n robh a chuid aodaich uime “Am bheil,” ars’ esan. “Tha” ars’ ise. “Greas thusa ort gus am beir thu orra.” Dh’ fhalbh e ’n so ’na chruaidh ruith, agus an uair a chunnaic cuideachd a’ ghiùlan an duine lomnochd a tighinn smaoinich iad gur duine e a bha as a chiall ’s theich iad féin air falbh, ’s dh’ fhàg iad an giùlan, agus sheas an duine lomnochd aig ceann na ciste mhairbh, agus thàinig duine a nuas as a choille, agus thubhairt e ris an duine a bha lomnochd, “Am bheil thu ’gam aithneachadh?” “Cha’n ’eil mise,” ars’ esan ‘gad aithneachadh.” “O cha ’n ’eil; na ’m bu mhi Tòmas dh’ aithnicheadh mo bhean féin mi.” “Ach car son,” ars’ esan, “a tha thusa lomnochd?” “Am bheil mi lomnochd? Ma tha thubhairt mo bhean rium gu ’n robh m’ aodach umam.” “’S i mo bhean ’thubhairt riumsa gu ’n robh mi-fhéin marbh,” ars’ am fear a bha ’s a’ chiste.” Agus an uair a chuala na daoine am marbh a’ bruidhinn thug iad na buinn asta ’thàinig na mnathan ’s thug iad dhachaidh iad, agus ’s i bean an duine a bha marbh a fhuair am fàine, agus chunnaic esan an sin triùir cho gorach ris an triuir a dh’ fhàg e aig an taigh, agus thill esan dhachaidh. Agus chunnaic esan an sin bàta a’ dol a dh’ iasgach, agus chunntadh da dhuine dheug a’ dol a steach do’n bhàta, agus an uair a thàinig gu tir cha robh innte ach aon duine deug. ’S cha robh fios co am fear a a bha air chall. Agus am fear a bha ’g an cunntadh cha robh e ’ga chunnt-fhéin idir, agus bha esan a coimhead so. “Ge dé an duais a bheir sibh dhomhsa na’m faighinn am fear a tha air chall oirbh?” “Gheibh thu duais air bith ma gheibh thu ’n duine,” thubhairt iadsan. “Deanaibh,” ars’ esan, “suidhe ri taobh a cheile ma tha.” Agus rug e air siulpan maide, agus bhuail e an ceud fhear, “Bitheadh cuimhne agadsa gu’n robh thu fhéin innte.” Lean e air am bualadh gus an d’fhuair e àireamh dà dhuine dheug ’s e ’cur fuil gu feur orra, agus ged a bha iad pronnta agus leòinte cha robh comas air, bha iad toilichte air son gu ’n d’ fhuaradh an duine a bha air chall, agus air chùl pàidheidh ’s ann a rinn iad cuirm do ’n duine a fhuair am fear a bha air chall. Bha loch aig tuath Sgìre ma Cheallaig air am bitheadh iad a’ cur éisg agus, ars’ esan, “’S ann bu chòir dhuibh an loch a thràghadh gus am faigheadh sibh iasg ùr chun na Cuirme;” agus ’n uair a thràghadh an loch cha d’ fhuaradh dearg éisg air ach aon easgann mhòr. Thubhairt iad an so gu ’m b’ i sud a’ bhéist a dh’ ith an t-iasg orra. Rug iad oirre an so agus dh’ fhalbh iad leatha gu ’bathadh ’s a’ mhuir; agus an uair a chunnaic esan ’so dh’ fhalbh e dhachaidh, agus air an rathad, chunnaic e ceathrar dhaoine a’ cur suas mart gu mullach taighe gus an itheadh i am feur a bha ‘cinntinn air mullach an taighe. Chunnaic e ’n so gu ’m bu dhaoine gun samhuil sluagh Sgìre ma Cheallaig. “Ach,” ars’ esan, “dé ’n duais a bheir sibh dhomhsa ’s bheir mi nuas am feur?” Chaidh e ’s gheàrr e ’m feur, thug e do ’n mharc e, agus dh’ imich e roimhe. Chunnaic e ’n so duine a’ tighinn ’s mart aige ann an cairt, agus dh’ aithnich daoine a’ bhaile gur h-e goid a mhart a rinn am fear so. “Agus ’s e bu chòir mòd a chur air.” Mar so rinn iad e agus ’s e ’n ceartas a rinn iad an t-each a chur gu bas air son a bhi ’giùlan a’ mhairt. Agus gu dearbhadh a thoirt dhuibhse gu m bheil an sgeulachd so fior ’s e so a thug air Iain Lom am Bard a chantuinn:— “Mar lagh nan lìnntean nach maireann A bha ’n Sgìre ma Cheallaig Nuair a dhìt iad an gearrun ’s a mhòd. [TD 282] [Vol. 5. No. 37. p. 2] Cumail Beo na Gailig. Mar a dh’ innis sinn roimhe, bha duais an Dotair Mhic Ghriogair, air son a’ phaipeir a b’ fhearr air a’ chuspair so, air a roinn eadar dithis. Thug sinn seachad paipear an Dotair Mhic Ghilliosa anns an da àireamh mu dheireadh, agus tha ’m paipear eile mar a leanas. Bha e air a sgriobhadh le Niall Ros, an Gleann-dáil ’san Eilean Sgiathanach. A chionn ’s gu ’n d’ fhuair sinn a Ghàilig mar dhìleab bho ar sìnnsir, is còir dhuinn na h-uile dìchioll a dheanamh air a tabhairt seachad mar dhìleab do na Gàidheil a thig ann ar dèigh. Agus mar riaghailt-stiùraidh do ar dìchioll tha e iomchaidh dhuinn a bhi ’faotainn a mach na dòigh a’s feàrr air a’ Ghàilig a chumail beò ann an Gaidhealtachd na h-Alba. Mus bi e comasach dhuinn am meadhon is glice ’shònruchadh, fèumaidh sinn sealltainn air nì a tha fior a thaobh na h-uile cainnt. Is e so lagh àraidh air am bheil beatha na h-uile cainnt an crochadh—eadhon gu ’m bi iad, leis an dream a tha ’g an labhairt, air an cleachdadh ann an comhradh, ann am malairt, agus ann am foghlum. Tha sinn a smuaineachadh gur ann a chionn ’s gu ’n do chaill a’ Ghàilig ann an tomhas ro-mhòr a greim air na trì nithibh sin, a tha i ’n diugh cho lag ann an Gaidhealtachd na h-Alba. Ged nach eil e taitneach leinn a bhi ’beachdachadh air laigse na Gàilig, gidheadh ma tha sinn a dol a dheanamh oidheirp air a neartachadh, tha e iomchaidh dhuinn an toiseach a bhi ’tuigsinn a h-anmhuinneachd. Feumaidh an lighiche ’bhi eòlach air galair an duine thinn mu ’m bi e comasach air a shlànuchadh. Agus anns a’ cheart dòigh, ged a dh’ fhaodas sinne ’bhi ’toirt fanear laigse na Gàilig, cha ’n ann idir a chum a h-aimhleas, ach a chum a maith a bu mhiann leinn sin a dheanamh. A nis mata, tha e soilleir ri ’fhaicinn gu bheil a’ Ghàilig a call a buinn ann an còmhradh. Ach ’s e an t-aobhar àraidh air sin, gu bheil i air a dearmad cho mòr anns an dà nì eile Tha malairt na Gaidhealtachd air a giùlan air a h-aghart ann am Beurla. Tha mar an ceudn’ an t-iùnnsachadh anns na sgoiltean Gàidhealach air a thabhairt seachad ann am Beurla; agus cia mar a nis is urrainn dùil a bhi againn gu ’m bi a’ Ghàilig a mhairsinn beò cho fad ’s a cheadaicheas sinn gu ’m bi i air a h-aicheadh anns na nithibh air am bheil a beath’ an crochadh? A thaobh malairt, ged a dh’ fhaodas sinn a deanamh ’n ar measg féin anns a chainnt mhatharail, gidheadh cha ’n eil e soirbh dhuinn a deanamh gu h-iomlan anns a’ chainnt sin, oir cha tuig na Goill Gàilig, agus feumaidh sinn comh-chomunn a chumail riùsan ann am marsantachd. Ach anns an da nì eile, eadhon foghlum agus còmhradh, tha e comasach dhuinn ath-leasachadh mòr a dheanamh ann am fàbhar cainnt ar dùchadh. Cha ’n ann gun an gnothuich a ghabhail gu cridhe, agus gun saothair dhùrachdach, a ghabhas an t-athleasachadh sinn toirt mu ’n cuairt. Tha foghlum agus còmhradh a ruith cho dlùth ann an làmhan a chéile, agus nach ’eil e soirbh an dealachadh. Is anns an teaghlach a gheibh an leanabh an cheud chuid de ’theagasg. Air an aobhar sin bu chòir do dh’ athraichean agus do mhàthraichean Gàidhealach a thoirt fainear nach biodh an clann ’n an coigrich do ’n Ghàilig. Tha iomadh neach a dearmad na Gàilig a chionn ’s nach robh iad ’g a cluinntinn an uair a bha iad ’n an leanabanan a ’g iùnnsachadh cainnt a labhairt. ’S i ’n sgoil an ath àite anns am fàigh an leanabh nithibh ri ’m foghlum. Cha ’n urrainn sinn tuilleadh ’s a chòir do dh’ aire ’thabhairt do ’n earrainn so do bheatha na h-òigridh; oir tha mòran ’an crochadh air na ’chì ’s na ’chluinneas sinn an uair a tha ar ciall a fosgladh suas agus a fàs na’s treise. Mu ’labhras tu ann an Gàilig ri leanabh Gaidhealach, an uair a theid e ’n toiseach do ’n sgoil, chì thu gu ’n iùnnsaich e Beurla n’is luaithe agus n’is feàrr, na ged a labhradh tu ris an toiseach ann am Beurla. N’am biodh neach a thainig gu h-aois a dol a dh’ fhiachainn ri eòlas fhaotainn air a’ chainnt Eabhraidhich, agus n’am faigheadh e leabhraichean anns nach biodh facal ach Eabhra, agus mur a canadh am fear-teagaisg lideadh ris ach ann an Eabhra, tha sinn a làn chreidsinn gu ’r e glé bheag de’n chainnt ud a thogadh am foghlumaiche sin eadhon ré ùine fhada. Air a’ cheart dòigh tha e doirbh do leanabh Gaidhealach a bheag sam bith a thuigsinn mur a labhrar ris air tùs ’na chànan féin. Tha e soilleir mar sin gu ’bheil mòran fathast r’a dheanamh ann an atharrachadh laghanan nan sgoiltean Gaidhealach. Faodaidh gu ’bheil an dòigh theagaisg a tha ’n diugh ann an sgoiltean Taobh-a-tuath na h-Alba glé fhreagarrach gus a’ chlann a thogal suas mar Ghoill, ach da rìreadh cha ’n ’eil gus ’an eideachadh mar Ghàidheil. Ach a chionn ’s gu ’r ann mar Ghàidheil a bu mhiann leinn a’ chlann a theagasg, feumaidh sinn a dhol dìreach a dh’ iùnnsaidh na dream a tha stiùradh agus a riaghladh gnothuichean an fhoghlum ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Feumaidh sinn a chur air shùilean do ’n dream sin gu ’bheil Gàilig ri ’bhi air a labhairt agus air a lèubhadh ann ar sgoiltean ’s an Taobh-a-Tuath. Oir ma tha pàrlamaid Bhreatunn a ceadachadh gu ’m biodh Laidiunn, no Fraingeis, no Gearmailt, no Greugais, air a teagasg do chloinn na Gaidhealtachd, c’arson, ann an ainm reusain agus tuigse nàdurra a dheanadh a’ phàrlamaid Bhreatunnach leth-sprèidh no dìmeas air a Ghàilig? Air an aobhar sin tha e mar fhiachaibh oirnn na h-uile h-oidheirp a chleachdadh a chum gu’m bi ar cainnt féin air a teagasg ann an sgoiltean ar dùthcha. Air chor ’s gu’m bi sin air a dheanamh tha e iomchuidh gu’m biodh a’ Ghàilig air a gabhail a stigh mar aon do na nithibh sin airson am bheil buileachadh air a thairgsinn fodh achd pàrlamaid. Tha sinn a smuaineachadh gu’m bu chòir a’ Ghàilig a bhi ’s an aon ionad ri lèubhadh agus sgrìobhadh Beurla, a chum a bhi ’cosnadh duais bho laimh Ard-uachdaranachd na rioghachd. An sin bhiodh misneach air a tabhairt do na maighstirean sgoileadh, agus mar an ceudna do ’n chloinn féin. Ghabhadh an oigridh toil-inntinn ann a bhi ’lèubhadh a’ chànain a bha iad a’ cluinntinn aig an dachaidh; agus bhiodh eòlas eagnuidh air an cainnt mhàtharail cho feumail dhaibh ri Fraingeis no Gearmailt, gus an ìnntinnean àiteachadh. Bhiodh iad a faotainn gliocas agus blàths cridhe bho ’n chuid a bu bhreagha do litreachas an sìnnsireachd; agus bhiodh spiorad trèun agus briathran deas an athraichean a faotainn àit’ ann an inntinn na h-òigridh. Bhiodh gràdh d’ an dùthaich ’s d’ an cainnt air a dhùsgadh suas ’n an cridhe; agus co ’s urrainn a chantuinn nach deanadh an t-èud dùchasail sin an cuideachadh gu nithibh àrd agus ionmholta ’thoirt a mach an dèigh laimh? Tha sinn a cumail ar n-aire gu h-àraidh air eideachadh na cloinne, a chionn ’s gu’r i ’n sgoil am meadhon is cumhachdaiche gus ar cainnt a chumail beò anns a’ Ghaidhealtachd. A dh’ aindeoin mar a dh’ fhaodas dream àraidh a bhi ri ùpraid a thaobh Chomunnan agus Choinneamhan Gaidhealach ann am bailtibh mòra na Galldachd gidheadh m’a dhearmadas sinn a’ Ghàilig a theagasg do ’n òigridh aig an dachaidh ’s an Taobh-Tuath, cha ’n fhada gus an caill ar cainnt an deò agus gus an tog a’ Bheurla gu h-iomlan a h-àite. Ma bhàsaicheas a’ chainnt aosmhor ann an Tìr nam Beann, nach bi ar Tìr an uair sin mar fhearann fàsaichte, mar dhùthaich air a cur fo chìs le fèidh agus le Sasunnaich? Ach ciod e am maith dhuinn a bhi ’rannsachadh airson na dòigh a’s feàrr gus a’ Ghàilig a chumail beò anns an Ghaidhealtachd, mur a bi daoine anns an dùthaich sin, gus a’ chainnt a labhairt? Ciod e am maith dhuinn a bhi ’fiachainn ri craicionn ùr glan a thabhairt air an lot cho fad ’s a tha brèunachd agus truaillidheachd a luidhe gu dlùth ris a’ chnaimh? Tha gearainean agus euceartan na Gaidhealtachd a fàs cho buileach air an aon stoc agus nach gabh a h-aon dhiù ceartachadh, gus an teid sinn sìos a dh’ iùnnsaidh freumh an uilc. Cha ’n e ar rùn a bhi ’buintinn ri gnothuichean riaghlaidh rioghachd anns an Sgrìobhadh so; ach gidheadh cha ’n urrainn sinn ach a bhi ’faicinn gu’r ann a chionn ’s gu’n do chuireadh an sluagh air falbh as na glinn a tha cainnt nan Gàidheal an diugh gun neart fallain ann an Tìr nam Beann. Nach bu bhochd do Ghàidheal glic agus ceart sam bith a bhi ’miodal ri luchd-fòirneirt an uair a tha ’dhùthaich ’g a cur fàs, a chainnt a dol air dì-chuimhne, agus a chinneach ’s a chàirdean ’g an sgapadh air feadh an t-saoghail? A nis mata, mur do bhàsaich an duinealas gu leir ann ar cridhe, cia cruaidh [TD 283] [Vol. 5. No. 37. p. 3] an strìth a bu choir dhuinne ’dheanamh gus ar dùthaich agus ar cànan a shaoradh bho chuing choigreach! Bheir sinn nì eile fainear anns am faodadh ath-leasachadh mòr a bhi air a thoirt mu ’n cuairt, ’s e sin cainntearachd fhollaiseach anns na cùbaidean Gàidhealach. Cha’n ’eil sinn a gabhail gnothuich ri nì sam bith ach ris an Ghàilig mar chainnt airson searmonaichidh, agus ris an dòigh anns am bheil e mar chleachdadh aig mòran an diugh a bhi ’labhairt innte, anns a’ chrannaig. Tha e gu tric ’n a aobhar mulaid, agus ’n a chràdh-cridhe do Ghàidheal aig am bheil Gàilig, a bhi ’cluinntinn muinntir le fìor bhriseadh Gàilig, a feuchainn ri searmonachadh ann an eaglaisean. Cha bhi fear na droch Ghàilig a chaoidh comasach air e fóin a chur ’an ceill gu cothromach do thuigs’ an luchd-eisdeachd. Cha ’n ’eil e reusanta gu’m biodh mòr-thlachd aige féin, no aig càch, ’n a oidheirp air labhairt; agus cha ’n ’eil nì air an t-saoghal a’s luaithe ’ghràinicheas neach air a’ Ghàilig na ’bhi ’g eisdeachd ri aon a tha lag agus easbhuidheach anns an chainnt sin. Tha e mata riatunnach gu ’m biodh meadhonan air an gabhail, agus sin gu luath, a chum agus gu ’m bi an dream leis am bu mhiann searmonachadh ann an cànan nan Gàidheal, an toiseach comasach air Gàilig a labhairt, mu ’n dìrich iad do ’n chrannaig. Cia tlachdmhor an nì ’bhi ’g eisdeachd ri neach a’s urrainn a smuaintinean a chur ’an ceill ann am briathran taitneach; ach, air an laimh eile, cia an-shocrach an nì ’bhi ’cluinntinn fear-labhairt cearbach air dhroch Ghailig. Tha sinn toilichte ’bhi ’smuaineachadh nach ’eil sinn a dh’ easbhuidh cobhair anns an nì so. Oir tha againn a cheana aon Chaithir Ghàilig co-dhiù, bho ’m faod ministearean òga Gaidhealach agus luchd-labhairt eile de’n chinneachd sin, eòlas eagnuidh ’fhaotainn air cainnt an dùthcha. Tha cothrom againn mar an ceudna air saothair a chleachdadh a chum caithrichean de’n t-seòrsa sin a chur air chois ann am feadhainn eile de na h-Oil-thighean Albannach. A chionn ’s gu ’bheil a’ Ghàilig air a gabhail a stigh mar aon de na ceuman a dh’ iùnnsaidh àrd-fhoghlum, bhiodh mar sin cothrom air a thabhairt do dh’ òganaich Ghàidhealach a bhiodh a leantuinn foghlum, an cànan agus an litreachas féin a ghiùlan a mach gu inbhe bhreagha. ’An sin bhiodh an teagasg Gàilig a gheibheadh iad as an toiseach air a chur gu buil mhaith; agus bhiodh iad comasach, an deigh-laimh, air eiseimplear ceart a chur fodh chomhair an t-sluaigh ann a labhairt agus ann an sgrìobhadh an chànain. Is e ar beachd gu ’m bu chòir Comunn Deasbaireachd a bhi anns na h-uile Sgir anns a’ Ghaidhealtachd. Bhiodh so a chum feum do dh’ aois agus do dh’ òige. Is iomadh duine tuigseach aig am bheil deadh Ghàilig, ach a tha ’fàs car meirgeach innte le cion cleachdaidh. A nis n’am biodh a leithid sin de Chomunn dlùth air an neach sin, cha ’n e ’mhain gu ’m biodh e féin air ’ùrachadh ’n a chainnt, ach bhiodh an luchd-eisdeachd a faotainn buannachd bho a chòmhradh. N’am biodh uime sin, Comunn Deasbaireachd anns gach Sgir, le ministeir, no lighiche, no maighstear-sgoileadh mar Cheann-suidhe, is mòr an neartachadh a bhiodh air a dheanamh air a’ chànan; agus mar an ceudna, bhiodh eòlas an luchd-frithealaidh air a mheudachadh. Tha e soilleir gu ’m faodadh Buidheanan Gaidhealach, ann am bailtibh mòra na Galldachd agus Shasuinn, misneach agus còmhnudh a thabhairt iomadh uair do’n òigridh anns an Taobh-Tuath, le duaiseaa, agus luach-saoithreach air son foghlum a chur fo’n comhair. Crìochnaichidh sinn a’ sgrìobhadh so le ’bhi ’cantainn gu h-aighearr, gu ’bheil sinn a làn chreidsinn gu’r i an aon dòigh a’s fearr, air a ’Ghàilig a chumail beò, a teagasg gu cothromach do’n oigridh, agus a ’labhairt gu ceart ’am measg an t-sluaigh. “’S e ’n t-iùnnsachadh òg an t-iùnnsachadh bòidheach.” Tha so fìor ann an iomad seadh; ach tha e fìor gu h-àraidh a thaobh maireannachd agus beatha na Gàilig ann an Gaidhealtachd na h-Alba. Raibeart Brus. Sè mìosan an déigh do Shìr Uilleam Uallas a bhi air a chur gu bàs, chaidh Raibeart Brus a chrùnadh ’na rìgh air Alba. Ach chaidh e troimh mhòran nithibh mu ’n do ràinig e air sin. B’ ogha an Raibeart Brus so do ’n Bhrusach ud eil’ a bha ’còmhstri ri Bailiol air son crùn Alba fhaotainn, agus aig an robh còir co maith air ’s a bh’ aig Bailiol. Bha araon ’athair ’s a sheanair, a reir barail cuid, air bàsachadh aig an àm so, ged nach robh ach coig bliadhna deug o rinn Eideard rìgh de Bhaliol. Bha athair a’ Bhrusaich so ’na charaid ’s na fhear-eòlais aig rìgh Shasuinn, ’na oifigeach ’s an arm aig’, agus a’ cogadh ri ’thaobh féin ’an iomadh blàr. Bha, mar so, am Brusach òg air a thogail suas a measg chùirteirean Eideird a bha ga mhealladh le bhi ’gealltuinn crùn Alba dha ’n uair a gheibhteadh Uallas air a cheannsachadh. Cha ’n ’eil teagamh sam bith aig luchd-eachdraidh nach robh Brus a’ tighinn do Alba ’s a’ cogadh an aghaidh a luchd-dùthcha féin ri linn Uallais, air sgàth taobh réidh a chumail ri Eideard; oir bha mòran fearainn aig’ an Alba, Annandail agus Carraic, air an robh e ’na Iarla. Bha na h-Albannaich mu ’n àm so air fàs co sgith de ain-tighearnas nan Sasunnach ’s a bha iad mu ’n do thog Uallas a làmh riamh ’n an aghaidh. Bha na Sasunnaich a’ cumail freiceadan ’s na h-uile caisteal a bha ’n Alba, ’s luchd-dreuchd Shasunnach a’ toirt air aghart uile ghnothuichean na rioghachd. Cha robh ni anns an cuireadh na Sasunnaich sùil nach feumadh iad fhaotainn, olc air mhaith leis an fheadhainn d’am buineadh e; ’s nan gabhadh neach sam bith air gearan a dheanamh air Sasunnach, bhiodh e ’n cunnart gu ’n cailleadh e ’chuid de ’n t-saoghal, no eadhon a bheath’ air son a dhànadais. Chaidh mòran de uaislean fiachail na tìr’ a chrochadh mar na triuthairibh bu mhò, air son nan aobharan bu lugha, no gun aobhar idir. Bha mòran eile, mar bha Raibeart Brus, air an gonadh ’n an cridhe leis an tàmailt air son an ain-tighearnais leis an robh iad a’ giùlan. B’e Iain Coimin, uachdaran Bhàideanach, an duin’ eil’ a bha co faisg air crùn Alba ri Raibeart Brus. Bu mhac peathar an Coimineach so do Bhailiol; agus còir sam bith a bh’ aig an duine sin air a’ chrùn ’s ann do mhac a pheathar, mar an t-oighr’ a b’ fhaisg’ air, a bhuineadh i. Bha càirdeas aig Coimin mar an ceudna ri teaghlach rioghail Alba, ’thaobh ’athar. Bha Brus mu ’n àm so ’an Alba, a réir coslais air “gnothuch an rìgh.” Fhuair e fàth air bruidhinn ris a’ Choimineach. Bha iad a’ marcachd cuideachd air falbh o bhaile Shruileadh, agus a’ comh-labhairt air staid thruaigh na dùthcha. “Thoir thusa dhomhsa do chuid fearainn,” arsa Brus ris a’ Choimineach, “agus cuidichidh mis’ thu gus ar naimhdean fhuadachadh a mach; no bheir mise dhuitse mo chuid fearainn féin agus cuidich thusa mi ’n am oidhirpibh gu righ-chathair mo shinnsear fhaotainn.” Chòrd an Coimineach ri fearann Bhrus a ghabhail, agus cuideachadh leis gus an rioghachd fhaotainn. Bha ’n còrdadh so air a chur ’an sgriobhadh, ’s ainm gach fir air a chur ris, ’s ghléidh iad le chéile dùblachadh dheth; ach thug Raibeart Brus e féin as gu ruige Lunnainn gun dàil, air eagal fàth teagaimh sam bith a thoirt do Eideard mu ’thimchioll. Fhuair an Coimineach a mach mar an ceudna gu ’n d’ fhuair Brus gealltanas, gu dìomair, air cuideachadh o chuid de àrd mhaithean na rioghachd anns am b’ urrainn e earbsadh. Ach ’an àite bhi dìleas da ghealladh ’s ann a chuir an Coimineach a dhùblachadh féin de’n chùmhnant gu Eideard, agus beag no mòr de innseadaireachd air an ullachadh uaigneach a bha ’dol air aghaidh a measg mhaithean Alba, gus a’ chuing Shasunnach a thilgeadh dhiubh. Cha do leig Eideard dad air. Bha e, ma b’ fhìor, co déigheil air comunn a’ Bhrusaich ’s a bha e riamh. B’e ’m beachd a bh’ aige gu ’m faigheadh e cinn-iùil na comh-bhoinn so air an glacadh gu h-iomlan, ’s air an casgradh ceart còmhladh. Cha b’ urrainn e iad sud fhaotainn an làimh gun cuid eigin de na bha timchioll air féin fhaighinn a mach ciod a’ choir’ a bha ’n an aghaidh. Agus mar so thug neach éigin de’n mhuinntir a bha faisg air pears’ an rìgh sanus do ’n Bhrusach mu ’n chunnart ’s an robh e. Cha bhiodh e sàbhailt sin a dheanamh le cainnt beòil, ’s tha cuid ag ràdh gur e paidhir spuirean a chuir an caraid ud thuige. Ghrad leum e ’na dhiollaid, ’s mharcaich e nall do Alba co luath ’s a dheanamh ceithir-chosach. (Air a leantuinn air taobh 286.) [TD 284] [Vol. 5. No. 37. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, AM MART 20, 1897. Cha’n eil cùisean dad na’s fhearr ann an Crete; bha barrachd de choltas na sithe orra air an t-seachdain s’a chaidh na tha orra air an t-seachdain so. Tha a’ Ghréig gle aindeonach air a cuid shaighdearan a ghairm bhar an eilein, ach tha an t-eagal oirre dubhlan a thoirt do na rioghachdan mora; tha na rioghachdan mora, no cuid dhiubh co-dhiu, air an laimh eile, aindeonach air cur cruaidh ris a Ghréig, oir tha ceartas air a taobh, agus cha’n aontaicheadh iad ri dragh sam bith a chur oirre mur biodh gu bheil iad air son sith na h-Eòrpa a ghleidheadh. Thainig fathunn as a Ghréig air an t-seachdain so ag radh gu bheil riaghladh nu duthcha sin a dol a ghairm cogaidh an aghaidh na Tuirce; ma nithear sin bidh a’ chuis gu h-iomlan eatorra fhéin, oir cha bhiodh gnothuch sam bith aig na rioghachdan mora riutha an uair sin, neo na’m bitheadh, bhiodh cogadh eadar na rioghachdan mora fhein. Tha cuisean gle throimhe-cheile, agus ann am barail moran, cha ghabh iad ceartachadh gun chogadh. Ach bidh sinn an dòchas nach tig an cogadh cho fad ’s is urrainn duinn. ’S iongantach cho geur ’sa bha daoine air son naigheachdan fhaotainn mu ’n t-sabaid aig Corbett agus Fitzsimmons. Tha iad ag radh gu robh sluagh nan Stàitean moran na b’ iomguiniche d’a taobh na bha iad a thaobh taghadh ceann-suidhe toiseach a gheamhraidh, agus cha’n eil sinn cinnteach nach robh muinntir Chanada a ceart cho dona riutha. Tha e na ni nàr gu’m biodh daoine a gabhail a leithid de thlachd ann an obair cho mi-dhuineil agus cho bruideil. Cha bu chòir a leithid a dh’ obair a bhi air a ceadachadh idir. Bha Eirionnach uair ag innse do charaid an t-ànnradh a fhuair e a dol eadar cala ’n rathaid-iaruinn ’s an tigh-òsda. “O,” ars’ esan, “nach ann a bha na sràidean cho cam ’s gun do thachair mi orm fhéin a dha no tri dh’ uairean!” Na Comuinn Ghailig agus a Ghailig. Tha sinn a cluinntinn gu tric gu’m bheil Comuinn na Gàilig anns gach àite deanamh mor chuideachadh a chum an cànain a chumail suas, ach tha eagal orm nach eil sin uile gu leir fior. Air feasgar la Fheill-Andrais ’sa chaidh, an Antigonish, aig an dinnir mhor a bha aig Comunn Gàidhealach a bhaile, cha chuala mi guth Gàilig mu’n bhòrd ach beagan fhacal a chuir an t-Urramach Aonghas a stigh air an oir, agus aon òran a sheinn mi-féin—’s gu dearbh cha do chuir mi blas ro mhath air. Gun teagamh chaidh iomadh oraid ghasda a liubhairt leis na h-uaislean a bha cruinn, ach cha b’ ann s’a Ghàilig, ach s’a Bheurla chruaidh Shasunnaich. Cho fad s’a leanas iad air an doigh sin cha mhor feum a ni an cuid oibre a chum cainnt nan Gàidheal a chumail beo, agus sin agaibh mar a bhitheas iad fhad ’sa bhios iad air am measgadh le Goill, no idir feadhainn nach tuig Gàilig. ALASTAIR AN RIDSE. Braigh na h-Aimhne Deas, N. S. Tha sinn fada ’n comain an Lighiche Mhic Ghilliosa, an Lunnainn, air son e chur ugainn a phaipeir a sgriobh e air “Cumail beò na Gàilig.” Tha fhios againn gun do thaitinn e gu math ri ar leughadairean. Rinn an Lighiche mar an ceudna òraid bhriagha aig fosgladh a Chlass Ghàilig am baile Lunnainn, toiseach a gheamhraidh, air son an d’fhuair e moladh mor. ’Sann am Beurla liubhair e i, ach tha e-fhein a gealltuinn dhuinn gu’n eadar-theangaich e i air son MHIC-TALLA a cheud chothrom a gheibh e. Tha an Lichiche Mac Ghilliosa a deanamh obair mhor as leith na Gàilig, agus gu ma fada beò e gus an deagh obair a chumail airadhart. ’Se ’n sgeul a thainig á Cuba air an t-seachdain so, gu bheil an Spàinn a’ gairm fichead mile no coig mile fichead de ’cuid shaighdearan as an eilean, gus an cur do na h-Eileanan Philipeach air son a’ cheannairc a tha ’n sin a chur fodha. A reir coltais tha i air fhaotainn a mach nach gabh Cuba ceannsachadh dhi, agus gur fhearr leatha a leigeadh uaipe agus a h-aire thoirt gu h-iomlan do cheannairc nan Eileanan Philipeach, air eagail ma dh’ fheuchas i ris na dha a thoirt gu striochdadh gu ’n caill i iad le chéile. BEUL MOR.—Bha da eildeir a’ bruidhinn mu’n mhinisteir a bha air ùr thighinn do’n sgireachd. “’S e ’n rud a’s motha th’ agam fhéin na aghaidh,” arsa fear dhiubh, “e bhi bruidhinn troimh shroin.” “Tha sin gle cheart,” ars am fear eile, “agus gu dearbh cha’n e cion ’s nach eil a bheul farsuing gu leòr.” Bha ochd deug air fhichead Sultan air an Tuirc o’n ghlac na Mahometanaich Constantinople, agus dhe’n aireamh sin, bha ceithir deug air fhichead aona chuid air am mort no air am marbhadh ann am blàr. STOR UR TAILLEARACHD, Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 285] [Vol. 5. No. 37. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha ’n t-sabaid aig Corbett agus Fitzsimmons Di-ciaduin, agus thug Fitzsimmons buaidh, an deigh dhaibh ceithir cuairtean deuga a chur. Spraidh gunna-mor air bòrd té de na soithichean-cogaidh Ruiseanach a tha ann an Crete, agus bha coig duine deug air am marbhadh leis, a bharrachd air àireamh a bh’ air an leònadh. Tha muinntir Chanada an deigh mu shia fichead mile dolair a chur cruinn air son cuideachadh a dheanamh le luchd na gorta anns na h-Innsean, agus cha ’n eil iad ullamh fhathast, oir tha ’n t-airgead a sior dhòrtadh a stigh. Bha na ròin anabarrach pailt anns a’ Ghulf toiseach na seachdain so. Bha àireamh shoithichean a bha mach ’gan glacadh, air an cuartachadh leotha, agus bhatar a’ marbhadh moran dhiubh. Bha iad cho pailt mu Newfoundland, ’s cho faisg air tir, ’s gu robhtar a’ glacadh moran dhiubh air na cladaichean. Tha na stoirmeannan sneachda a’ cur maille nach beag air an each-iaruinn. Oidhche Di-luain, bha e leth-uair anmoch a’ ruigheachd a bhaile, agus oidhche Di-mairt bha e uair anmoch. ’Sa mhaduinn Di-ciaduin chuireadh an crann-sneachda mach, ach chaidh e bhar an rathaid aig an Allt Mhor, faisg air Leitches Creek, agus cha d’ fhàg an carbad Sidni ga meadhon-latha. Thainig oifigeach Suaineach ri bheatha fhéin ann am fear de na taighean-òsda an New York an la roimhe. Bha e falbh fo ainm fir eile. Theich e as an t-Suain le suim airgeid (mu thri mile dolair) a bh’ air a thoirt da gus buidheann shaighdearan a phàigheadh, agus bha na maoir air a luirg ’s a deanamh deiseil air son a ghlacadh nuair a chuir e crioch air fhéin. Bha iad a’ bristeadh an doruis a stigh ’nuair a loisg e an urchair. Tha Peigidh Nic-an-Tòisich, am Boston, an deigh clag ùr a chur ann an eaglais Amhuinn Inhabitants, an sgireachd ’san d’ fhuair i-fhéin a h-àrach. Ghairm an clag sin an sluagh cuideachd a cheud uair air an 21mh latha de’n mhios a dh’ fhalbh, ’nuair a shearmonaich an t-Urr. Domhnull Domhnullach, a b’ àbhaist a bhi ’na mhinisteir ’s sgireachd. ’S i Nic-an-Tòisich a chuir an clag, a’ chùbaid, an stobh, an cloc, agus na lampaichean ’san eaglais; cha ’n ioghnadh ged a bhiodh i measail aig muinntir a’ choi-thional. Tha baile ann an Ohio ris an canar Bowling Green, agus aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, chuir àrd-bhàillidh a’ bhaile càin choig dolair air fhéin air son e bhi air an daoraich an oidhche roimhe sin. Cha ’n e h-uile baile aig a bheil bàillidh a dheanadh a leithid, agus ’se ar barail nach mor bhailtean aig am biodh farmad gam bith ri Bowling Green. Tha luchd gabhail na daoraich air a dhol sa mor á fasan o chionn beagan bhliadhnaichean, agus fear-dreuchd sam bith a tha air son a bhi measail, no leis an àill urram fhaotainn o’n t-sluagh ’s còir dha ’n t-òl a sheachnadh. Chaidh fear I. D. Mac Carmaic, a mhuinntir Blach Bush, E. P. I., a reothadh gu bàs air an deigh oidhche Shatharna s’a chaidh. Dh’ fhàg e fhéin us fear eile do ’m b’ ainm Brown, Souris an deigh dorchadh na h-oidhche, agus ’nuair a bha iad mu mhile air adhart air an t-slighe, bhrist an t-each troimh ’n deigh. An deigh dhaibh a thoirt as, theich e orra, ’g am fàgail far an robh iad. Bha Mac Carmaic fliuch, sàraichte, agus b’ fheudar do Bhrown a dhol air ais gu Souris dha chois a dh’ iarraidh cuideachaidh. ’N uair a thill e dh’ ionnsuidh na deighe, bha Mac Carmaic marbh, agus a chorp fuar, reòta. Bha e mu dha fhichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois, agus bha e gle mhath air a dhòigh. Bha e gle mheasail anns a’ choimhearsnachd. Bha na tri miosan a chaidh seachad iomraiteach air feadh an t-saoghail air son an liuthad soitheach a bha air am bristeadh ’s air an call air na cuaintean. Bha an àireamh anabarrach mor. Chaidh Iain E, Sullivan a chrochadh an Dorchester a sheachdain gus an dé. Cha d’ aidich e a chionta idir, agus choinnich e am bàs mar nach robh dùil aig neach sam bith, gun cholthais eagail ri fhaicinn ’na ghnùis idir. Rainig càraid òg New York an la roimhe ’s iad air teicheadh á Milan ’san Eadailt, ’s air tighinn thar cuain air son pòsadh. Bha ise beairteach, ach bha esan bochd, agus bhac a pàrantan dh’i a phosadh; chuir iad rompa an sin teicheadh, agus mu ’n gann a bha iad air tir an America bha ’n snaim air a cheangal. Bha rèis each air an acarsaid Di-satharna s’a chaidh. Bha e car fliuch ’sa mhaduinn, agus dh’ fhàg sin an deigh bog, agus gle dhona fo chasan each. Thugadh a mach a cheud duais le each le Mr. Domhnullach am Port Hawkesbury, an darra duais le each Choinnich ’Ic Coinnich, Sidni, agus an treas duais le each Challaghan, Sidni. Bha na tuiltean gu math mor ann an Arkansas toiseach na seachdain so; bha da bhaile air an cur fodha leis an uisge, agus b’ fheudar do ’n t-sluagh teicheadh asda le ’m beatha. Bidh sinn ’san dùthaich so a’ gearain cho caochlaideach sa tha ’n t-side, ach ’nuair a chluinneas sinn mar a th’ aca ann an àiteachan eile, ’s ann a dh’ fheumas sinn aideachadh nach eil aobhar gearain againn idir. Thatar ag radh an dràsda gu bheil an Tuirc a’ dol a cheannach a dha no tri de shoithichean-cogaidh bho na Stàitean air son i-fhéin a chur ann an uidheam cogaidh. Tha an Sultan ullamh gu da fhichead mile punnd a phàigheadh air an son ’sa cheud dol a mach, agus tha e air son dàil fhaotainn ’sa chuid eile. Ma ni an Sultan ’sa chùis so a réir mar is abhaist dha dheanamh an cùisean eile, ’se gealltanas math us droch phàigheadh a bhios ann. Tha beagan a bharrachd air ceud mile Innseanach (100,007) ann an Canada air fad; 2,108 an Nobha Scotia; 1,590 an New Brunswick; 308 an Eilean a’ Phrionnsa; 10,626 an Cuibeic; 17,633 an Ontario; agus an còrr anns an Iar Thuath ’s an Columbia Bhreatunnach. Tha moran diubh ’sna mor-roinnean iseal, an Ontario, ’s an Cuibeic, ri tuathanachas, ach ’s an Iar thuath ’s an Columbia Bhreatunnaich tha iad a’ deanamh am beòthachd air fad air iasgach ’s air sealg. Tha roinn mhath sgoilean aca ach cha ’n eil iad a’ deanamh fior mhoran feuma dhiubh. Chaidh mort gràineil a dheanamh ann an Avonport, coig mile bho Wolfville, N. S., Di-satharna s’a chaidh. Bha tuathanach do ’m b’ ainm Oliver Fuller, seann duine còir, a bha fuireach leis fhéin, air a mhort ’na thigh fhéin. Fhuaireadh a chorp oidhche na Sàbaid ’na laidhe ann an loch fala, a cheann air a phrannadh le tuaigh, agus a sgornan air a ghearradh. Fhuaireadh an tuagh leis an d’ rinneadh an gniomh ann an tom coille faisg air an tigh. Chaidh àmhrus a leagail air duine (tramp) a bha mu ’n cuairt aig an àm, agus chaidh a a ghlacadh ’sa chur ’sa phriosan Di-luain. Tha e doirbh fhaotainn a mach ciod a b’ aobhar do ’n mhort a bhi air a dheanamh; cha robh ann ach duine bochd aig nach robh airgead, agus bu duine sitheil e aig nach robh, cho fad ’sa b’ fhiosrach daoine, nàmhaid air an t-saoghal. Bha e tri fichead bliadhna ’sa coig deug a dh’ aois; bha e na bhantraich an darna h-uair, agus cha ’n eil de ’theaghlach beo, ach dithis mhac, a tha anns na Stàitean. Chaidh fear eile, Milton Connolly, a ghlacadh air àmhrus Di-mairt; tha esan ag aideachadh gu robh e faisg air an tigh an latha rinneadh am mort, ach cha ’n eil e ’g innse carson a bha e ann. Cha bhuin e do ’n àite, agus cha ’n eil cliù ro mhath aige. Tha tar a’ deanamh am mach gu ’m bi tuilleadh air an glacadh fhathast. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 286] [Vol. 5. No. 37. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 283.) e. Ràinig e caisteal Lochmabein, air an robh Eideard a bhràthair ’na chomanndair. Bha ’n Coimineach ri bhi ’n Dumfries an là air na mhàireach aig cùirt a’ Bhreitheimh Shasunnaich Mharcaich Raibeart Brus a null do ’n bhaile sin còmhladh ri dithis chàirdibh, Lindsi, agus Sir Roger Circpatric, air los bruidhinn a dheanamh ris a’ Choimineach. Thug e fiadhachadh dha a choinneachadh aig eaglais nan Glas-bhràithrean* ’s a’ bhaile. Dh’ altaich iad beath’ a chéile, ’s phòg iad a chéile ’n uair a choinnich iad, a réir nòis nan aman ud, ’s ghabh iad suas a dh’ ionnsuidh na h-altrach, a dian chomh-labhairt. Chuir am Brusach an ìre dha ’mhi-dhìlseachd da ghealladh, ’s mar a bhràth se e do rìgh Shasuinn. “Is breug e,” ars’ am brathadair dalma. Ghrad las nàdur a’ Bhrusaich ri aghaidh na leamhalachd ud, ’s gun fhocal tuilleadh thug e tarruing air a chlaidheamh, ’s bhuail e sios e air ceumaibh na h-altrach. Phill e mach air ball mar le sgreatachd, air son an rud a rinn e. ’N uair a chunnaic a chàirdean a bha ’feitheamh air taobh a muigh na h-eaglais e làn uamhais ’us glas-neulach, dh’ fheòraich iad ciod a b’ aobhar dha sud? “Tha teagamh agam,” arsa Brus, “gu’n do mharbh mi ’n Coimineach.” “A bheil sibh a’ fàgail a leithid de ghnothuch teagmhach?” arsa Circpatric, “ni mise cinnteach e.” Le sin chaidh e féin ’s a chompanach a steach, ’s mharbh iad buileach an Coimineach leònta le ’m biodagaibh. Chaidh brathar-athar dha, Sir Raibeart Coimin, a mharbhadh aig an àm cheudna. ’An déigh a’ ghniomh bàis a bha ’n sud dh’ fheudtadh a ràdh gu ’n robh cùisean a’ Bhrusaich eudòchasach. Bha e fiachaicht’ air càirdibh a’ Choiminich, a bha cumhachdach agus lionmhor, an tòrachd a thoirt a mach air son a bhàis, a réir an lagha ris an robh saighdearan a’ sealltuinn ’s na h-amaibh ud. Bha righ Shasuinn gu éiridh ’na aghaidh air son a’ ghniomh ud, agus an aobhair mu ’n d’ rinn se e. Ach an àite tuiteam ’an alltapadh ’s ann a bha spiorad a’ Bhrusaich air a dhùsgadh suas gus an tuilleadh duinealais ’us misneachd ann an coinneachadh nan doirbheasan leis an robh e air a chuairteachadh. Thug e leum, agus dol air ais cha robh ann. Bha fios aige gu ’m feumadh a cheann, an dara cuid crùn a ghiùlan, no bhi air a thogail suas ri taobh ceann Uallais air drochaid Lunnainn. Chuir e fios air a’ mheud de àrd mhaithean na tìre ’us as am feudadh e earbsadh, ’s thug iad sin leò na b’ urrainn iad de luchd-leanmhuinn. Thionail cuid de sheann luchd-leanmhuinn Uallais mar an ceudna, mach as an àitibh foluich, ’s chuir siad iad féin fo a bhrataich. Leis an armailt bhig so mhàrsail e timchioll Ghlascho, gu Peirt ’us Scoinne, an t-àit’ am b’ àbhaist righrean Alba bhi air an crùnadh. B’ ann air 29 là de ’n Mhàirt, 1306, a chaidh Raibeart Brus a chrùnadh ’na rìgh air Alba. Deich bliadhna roimhe sud bha rìgh Shasuinn air crùn Alba, ’s an t-slat-rioghail, ’s an Lia Fàil, ’s gach ni air bith eil’ a bhuineadh do rioghalachd a thoirt leis. Bha iomadh là soilleir, greadhnach ’an Abaid Scoinne roimhe sud aig àm crùnaidh righrean; ach ged is e Raibeart Brus, gun teagamh sam bith, righ bu mhò bha riamh air Alba roimhe no na dheigh, cha robh co beag greadhnachchais co-cheangailte ri crùnadh aon sam bith dhiubh ’s a bha ri ’chrùnadh-san. Rinn còran beag òir, a chuireadh ri ’chéile le cabhaig ’s an àm, a’ chuis air son a’ chruin.—Eachdraidh na h-Alba. Litir a Bail’ a’ Chaochain. “’S ge h-iomadh cànan, O linn Bhàbel fhuair A sliochd sin Adhamh, ’Si Ghàilig a thug buaidh.” Fhir mo chridhe,—Ged tha mo shùilean air fàs prabach le smùir ’s smùid a ghuail, agus mo mheòir air dol gu mor á cuma leis an òrd-mhor, bheir mi aon oidhirp eile air litir a chur gu mo charaide dileas MAC-TALLA. Moran taing dhuibh airson “Na Bàird Ghàidhealach;” fhuair mi e o chionn ùine ghoirid, agus gu dearbh tha e na leabhar priseil. Bha Domhull Og cuide rium an oidhche roimhe agus thug sinn greadan cruaidh air a leubhadh. Ghabh Domhull spéis mhor de. Tha duil aige cur a dh’ iarraidh fear dhiubh an ùine ghearr. Thainig atharrachadh mor air an t-side o na sgriobh ni roimhe. Thainig uisgeachan troma briagha a thanaich gu mor an sneachda air na sleibhtean. An diugh fhein tha ’ghrian a dealraich gu lainnireach agus tha caochan mear a ruith leis gach leitir. Eadar dha na gheachd, bha mi air bal oidhche Di-màirt—inid cho aighearrach ’sa bha mi riamh. Bha grunnan nighean ann cho faicheil cùirteil ’sa b’ urrainn a bhi. Bu bhoidheach a dhannsadh iad ri ceòl binn na fidhle. Ged nach robh unnamsa ach “gille ’ghobha” ’s gun mi ro mhaith a measg cuideachd, cha bu bheag air na caileagan a bhi goirid dhomh idir. Bha so ’cur éud gu leòr air na h-òganaich spalpeil aig a’ robh a Bheurla. Nach pongail an seana-bhoirionnach Mor? Bu mhaith a litir a chuir i ’nad phaipeir an sid. Tha mi ’creidsinn gle mhaith nach do chòrd pàirt de na chual’ i aig a’ “Chomunn Connaich” rithe idir, oir bithidh maighdeanan a fàs frithearra ’nuair a bhios iad a fàs sean. Tha e gle mhaith dhith a bhi ris an t-sniamh, ach cha tugainn a chomhairle oirre leantail ro fhada ris a chuigeal, oir dh’ fhaodadh i ’bhi cho mi-fhortanach ris a chlobha fhein. O nach eil dad do nithe taitneach agam ri innse dhuit an drasta ’s fhearr dhomh stad. Is mise do charaide dileas. 15, 3, ’97. GILL’ A GHOBHA. Bha da mhaighdeann dheug aig ban-righ Victoria aig a pòsadh; cha ’n eil beò dhiubh sin an diugh ach triùir. Eiridh na Greine. Cha’n ’eil aon sealladh eile air aghaidh an t-saoghail gu léir a’s àillidh na éirigh na gréine! Tha briseadh na h-òg mhaidne a’ leigeil ris dhuinn cruthachadh ùr. Thug dorchadas na h-oidhche air falbh o’n t-sealladh an talamh a bhos agus na speuran shuas; ach air pilleadh na maidne tha sinn a’ léirsinn nàduir mar gum biodh e air ’ath-nuadhachadh le sgèimh dhreachmhor. Ann an camhanaich na maidne tha neul liath-ghorm nan speur ag atharrachadh. Chithear rugha fann a’ dùsgadh san aird-an-ear. Tha na réultan a’ teicheadh as an t-sealladh, ’s a’ folach an cinn. Tha àilleachd òr-bhuidh a’ direadh nan speur uidh air ’n-uidh, a toirt rabhaidh gu bheil a’ ghrian a’ teachd. Chithear an saoghal a’ teachd a rìs san fhradharc ’na làn-mhaise. Tha na neòil shuas a gabhail dath an òir a’s deirge dreach. Tha na beanntaibh mora a’ togail an cinn le aoibhneas. Tha ’choille ’g éiridh gu dosrach ùrar. Tha na machraichean féin, fo’n druchd ghorm a tha air gach feòirnein maoth, a dealradh le soillse àghmhor. Ceum air cheum mar tha’n sealladh a’ cinntinn ni’s maisiche, gus faidheòidh o shoillse gu soillse, am bheil an aon chuspair is glòirmhoire r’a fhaicinn, éirigh na gréine. Tha’n solus a’ meudachadh, gnùis fhlathail na gréine a’ teachd am fradharc. Dh’éirich i nis air chùl nam beann ’na làn-mhaise. Suas ghabh i air siubhal an àigh ann an glòir co dealrach, agus solus co boillsgeil ’s nach eil e’n comas sùil chruthaichte amharc oirre. Nan tigeadh an sealladh so air neach o mhullach beinne gun fhaicinn riamh gus a sin, ciod a smuainicheadh e? Gun teagamh air bith thilgeadh se e féin sìos ann an ùmhlachd iriosal, làn do urram agus do iongantas naomha, a’ tairgse molaidh do ’n Dia mhòr, cruith-fhear na gréine. Cha’n fheudadh e gun éigheach a mach, O thusa, a Dhé ghlòrmhor! Ann an àilleachd na h-ur-mhaidne, tha mise, ’g aideachadh do chumhachd, do ghliocais, agus do mhòralachd. Maille ris an riabhaig a dhìrich an diugh gu àirde nan speur, a chur failt’ air an là, tha mise togradh a’ d’ ionnsuidh. Tha gàirdeachas an t-saoghail mu ’m thimchioll, agus gach beò-chreutair a ta air ’uachdar ’gam aomadh gu m’ anam a thogail a’ d’ ionnsuidh le deòthas naomha. Tha ’n cruthachadh gu léir, air an àm so, ’ga d’ mholadh; agus an e gum bi mise ’m thosd? Tabhair, o m’ anam! cliu do Dhia. Ruigeadh laoidhean mo chliu na nèamha àrd far am bheil. Thusa a chòmhnuidh, a tha ’g àithneadh do ’n ghréin éiridh, agus a tha le d’ làimh ’ga stiuradh ’na h-astar àrd. An duine fhuair òr ann an Astralia an toiseach, b’i ’n duais a fhuair e air a shon a bhi air a chrochadh. Bha e air fear de na ceud chiomaich a chuireadh gu Botany Bay, agus air dha òr fhaotainn, thug e beagan a stigh dh’ an bhaile air son a shealltuinn. Beagan an deigh sin thug e ionnsuidh air teicheadh, agus dh’ òrduich an riaghladair, a bha air son a chùis a chumail an cleith, e bhi air a chrochadh. [TD 287] [Vol. 5. No. 37. p. 7] Sgeula Bathaidh. FHIR-DEASACHAIDH CHOIR:—Chuir mi g’ur n-iunnsaidh sgiala beag roimhe, ’s tha mi ’nur comain gu’n chuir sibh ’sa MHAC-TALLA e. ’S mur ’eil sibh a fàs sgith dhiom bu mhaith leam an sgiala seo, (a bha gle ghoirt aig an àm a thachair e,) fhaicinn ’sa MHAC-TALLA cuideachd, agus fiachaidh mi ri dheanamh cho goirid ’s is urrainn mi. Anns a bhliadhna 1820 dh’fhalbh dithis mhac Iain ’ic-Dho’ill Ruaidh an Cul-na-cnochd, le bàta fosgailte gu féill na Bealltainn am Port-Righ. An latha bha sùil aca ri tilleadh dh’éirich gaoth làidir na’n aghaidh ach air feasgar an ath latha; cha’n fhanadh iad na b’ fhaide, ged a bha càir gheal air a chuan. Chaidh seachd-duine diag air bòrd innte aig cea Phort-Righ, ’Nuair a ràinig iad Ionar-thota, thainig triùir a mach aiste, ged a bha aca ri dhol fada seachad air an àite sin; tha e coltach gu’n do bhuail an t-eagal iad. ’Sann am Portearlis a bha dùil aca dhol air tir uile, ach cha robh e ’n dàn dhaibh sin a dheanamh—chaidh am bàta thairis beagan a deas air Rudha-nam-Bràithrean, aig caolas-an-duisgeir (Sgeir-Dhubh); bhàthadh iad uile, ceithir-duine-diag. Chuala mi tric ’nuair a bha mi òg gu robh iad uile mar gu’m biodh iad air an taghadh an dreach ’s an tréine. B’e sud an latha bu tùrsaiche thainig air an Taobh-Sear fad iomadh linn; b’ iomadh taigh anns an robh guil a bhròin, a latha ’s a dh’ oidhche falbh air na cladaichean ag iarraidh nam marbh. Bha cuid dhiubh nach d’fhuaradh idir. Cha’n eil cuimhn’ agam air an ainmean uile, ach innsidh mi cuid dhiubh—dithis mhac Iain-’ic-Dho’ill Ruaidh, Calum mac Chaluim òig, Aoghnas mac Dhoill-ic-Thormaid, Iain mac Chaluim, Somhairle mac-a-Phearsain, Alastair mac Illeathain, Iain mac Cuithein, Calum mac Mhathain, Iain mac Leòid, agus Rosach—maighstir-sgoile. Rinn Ruairi Ruadh ’san Torran an Rathaisai oran; bheir mi dhuibh na th’ agam dheth. Fonn: “Iorram-na-Truaighe.” ’Sann an caolas an Duisgeir A laidh na suinn bu ghlan dreach, Dh’ aithnicheadh bratach an Righ iad ’N deigh na miltean chur as; Gur e neart bha ’sa ghaoith A chuir ’ur n inntinn thar beachd, Agus barrachd bhi innte Chuir a dhith sibh air fad. Och a dheadh Mhic Illeathain, Gu’n bhuail an t-saighead thu tràth; ’S tu chaill na fir-thaighe Nach robh ri faighinn na b’ fhearr; Chaill thu t-aighear ’s do shùgradh, ’S beag do shunnd ri ceòl-gàir’, Chaoidh gu ’n càirear ’san ùir thu Do lot ag ùrachadh cràidh. Iain ’ic Chalum á Steidhseal, C’uim nach faoidhneachdinn thu? ’S tu bu mhath am bial oidhche, Thug luchd na h-aoidheachd dhut cliù; Lamh fhurbheilteach, fhosgarr, Lamh a chosgadh na crùin; Bu tu smear an duin’-uasail ’N àm dol suas chum a bhùird. Och a Mhòr bhochd ni’n Ruairi, Gur culaidh thruais thu co-dhiu; Chaill thu gasan do ghuaille Bha gu suairce, glan, ciuin, Tha do chlann bheag ma ’n tine Gun aona ghill’ air an triùir; Och ’sann leamsa a’s duilich Mar a thilleadh a chùis. Thainig Mor ni’n Ruairi agus a triùir nighean do Cheap Breatainn anns a bhliadhna 1840. Tha clann cuid dhe na daoine chaidh a bhàthadh an là ud beo air an Eilean seo fhathast agus moran dhe ’n cuid oghaichan. Ach eadar dha sgiala, bha stoirm air muin stòirme de shneachd againn o chionn che’-la-deug, agus stoirm uisge fad na h-oidhche raoir, agus cur is cathadh an diugh. Cha’n urrainn each na sitir dol an còir an rathaid ged a readh ar meirgeal cam le cion ti us tombaca, ach feumaidh gur e seo an gearran, ’s fhad o’n a fhuair e droch cliù airson a chuid mimhaidh. Nise b’e ’n dòigh a bh’ aig Mairi air iarraidh an t-snaoisean air Seumas,-“Tha mi air do nàrachadh! Tha mi air do nàrachadh!” Agus mur ’eil mise air sibhs’ a nàrachadh, tha treallaich agam a sgriobhas mi an dràsta ’s a rithist ma falbh mo fhradharc buileadh. Agus ged a bhithinn cho dall ri dallaig, bidh mi faighinn a MHAC-TALLA fhad ’sa bhios mi beò. Agus ged a tha e ma dh’ fhaoidte neònach leibhse mi bhi ’ga radh, tha mi ’n dòchas gu’m bi esan beò fad an deigh mo bhàis-sa. MURCHADH CAM. Bail’ an Tobair, Eilean a’ Phrionnsa. CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t-seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95 [TD 288] [Vol. 5. No. 37. p. 8] Am Fonn. [Ceòl] O, siod am fonn a chuala mi An uair a bha mi òg, Mi’n cluain ri uchd mo mhathar ’S mo chridhe ’snamh ’na ceòl; ’S nuair chuala mi a rithis e Aig nithinn ghil nam bò Gu’n thàlaidh i mo chridhe leis ’S mi mireagaich mu’n chrò. Bu tric o sin ’ga chlaistinn mi Mu eadradh àrd-thràth nòin, ’S mi beadradh air an àiridh Ri mo Mhàiri aillidh òig; No feadh nan glacag fàileanta ’S an tàrladh dhuinn, gun ghò Bhi coinneachadh gu mànranach Fo sgàilean Choill nan cnò. Ach b’ éiginn domhs’ an àiridh Agus Mairi ’chur air chùl, ’Us siubhal fad o ’n àite sin ’S an robh mo ghràdh ’us m’ ùigh A sheasamh anns na blaraibh ’N aghaidh nàmhaidean ar dùthch’: ’S an latha dh’ fhag mi ’m Bràighe Ri! bu chraiteach m’ aigne brùit’. O, siod am fonn a chuala mi ’S a chuaileanaich mu ’m chridh’, A’s tric a dhùisg dhomh sealladh Air mo leannan ’s air mo thir; An uair a bhithinn airtneulach ’Nam chairtealan le sgìos, Gu ’n taislicheadh e m’ anam ’Nuair a chanainn e leam fhin. Ach thog am fonn an trath-so dhomh Fath cànrain agus bròin; Oir dhùisg e iomhaigh Màiri ’Us mo mhàthar, ’s iad fo ’n fhòid; Gach caochladh agus sàrach Thàinig air na Gàidheal chòir O’n àm ’sna bhual an dàn ud mi Le gràdh, ’n uair bha mi òg. Lochinbhar. Thainig triath Lochinbhàr as an Iar oirnn gu grad, Air steud-each a b’ àille ’s na crìochaibh air fad; Gun bhall air a shiubhal ach claidheamh deas, treun, A’ marcachd gun armachd ’s a’ marcachd leis fhéin, Cho dìleas an gaol, a’s cho gaisgeil am blàr, Cha’n fhacas riamh coimeas do thriath Lochinbhàr. Gun chùram do bhacadh, gun eagal roimh nàmh, Far an doimhne an abhainn, rinn esan a snàmh; Ach, Netherby Hall, m’ an do ràinig e thall, Thug a leannan a h-aonta ’s bha ’shao’ir-san air chall, Oir bha giùgaire ’n gaol, agus cladhaire ’m blàr, Dol a phòsadh na h-ainnir aig triath Lochinbhar. Do Netherby Hall gu neo-sgàthach ghabh e ’steach, Am measg fhleasgach a’s chàirdean, a’s bhrà’rean, ’s gach neach! ’Sin thuirt athair na gruagaich, ’s a lamh air a lann,— (Bha ’m fear-bainnse air chrith, ’s e gun smid as a cheann.) “An d’ thainig thu ’n sith no an d’ thain’ thu chum àir, No a dhanns’ aig a’ phòsadh, a thriath Lochinbhar!” “B’ fhad’ a shuiridh mi do nighean, ged dhilùt thu mo ghràdh; Ach tha ’n gaol mar a’ mhuir, ni e lìonadh a’s trà’dh; A’s thàinig mi dh’ ionnsaidh a’ phòsaidh gun sion, Ach a dhanns’ leis an òg-bhean, ’s dh’ òl leatha fìon. Tha pailteas an Albainn de dh’ òighean a’s fhearr, A ghabhadh gu deònach tighearn òg Lochinbhar!” Bhlais ise: ghlac esan an cupan gu teann, A’s thilg e á laimh e ’n uair dh’ òl e na bh’ ann; Chrom ise gu màlda ’s a h-aghaidh fo nàir’, Le deur air a sùil, ’s air a bilibh fèith-ghàir’, Ghabh e greim air a làimh dh’ aindeoin bacadh a màth’r, “’Nis theid sinn a dhannsadh!” thuirt triath Lochinbhar. A chruth-san cho aluinn, ’s a gnùis-se cho briagh; Cha ’n fhacas aon charaid ’thug barr orra riamh. Fo chorruich bha ’h-athair, a mathair, ’s a luchd-daimh, ’S am fear-bainnse trom, dubhach, ’s a bhoineid ’n a laimh; Rinn na maighdeannan cagar, “B’e moran a b’ fhearr, “I dh’ fhaotainn r’a phòsadh tighearn òg Lochinbhar!” Air dha beantainn r’a laimh agus cagar ’n a ceann, A mach air an dorus a ghearr iad le deann; Thog e suas air an each i, ’s am priobadh na sùl, Bha esan ’s an diollaid a’s is’ aig a chùl! “Tha i agam gun taing! Beannachd leibh!” thuirt an sar, “Bidh iad tapaidh a ghlacas tighearn òg Lochinbhar!” Chuir na cairdean le cabhag an eachaibh air doigh;— Cuid a’ ruith, cuid a’ marcachd a ghlacadh na h-òigh; Bha ruagadh, a’s reiseadh, thar raointibh a’s shliabh, Ach sealladh d’ an òg-bhean cha ’n fhanaidh iad riamh! Cho treubhach an gaol, ’s cho gaisgeil am blar, Am facas riamh leithid tighearn Lochinbhar! Eadar. le MAC-MHARCUIS. ’Nuair a theid Laurier a null do Bhreatuinn ’san t-samhradh, tha buidheann de shaighdearan a dol a null còmhla ris gu bhi làthair an uair a bhithear a’ coimhead latha-crùnaidh na ban-righinn. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 289] [Vol. 5. No. 38. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 27, 1897. No 38. Laoidh. Air oidhche àlainn thùirling, e, An t-òran glòrmhor àigh, Bho ainglean àrd’ a’ dlùthachadh. Le ’n clàraibh-ciùil mu ’n mhàgh; “Mor-ghlòir do Dhia, air thalamh sìth, ’S deagh-ghean do dhaoin’ gach linn,” Gu tosdach dh’ éisd an cruinne-ce Ri ainglean Dhé a’ seinn. Feuch iad a’ tèarnadh troimh na neòil, Air sgiathan caomh na sìth; Chum àrmailt nèimh gun sgur ri ceòl, Os cionn an t-saoghail sgìth; Tha iad a’ cromadh dlùth le bàigh, Thar tìr a’ bhròin ’s na teinn; Is thaireas air a’ bhuaireas àrd, Tha ainglean Dhé a’ seinn. Dà mhile bliadhna ruith an cuairt Fo cho-sheirm bhinn nan laoidh, Gidheadh le éu-ceart agus fuath Tha ’n saoghal air a chlaoidh; Tha daoin’ a’ cath an aghaidh dh[?] ’S le naimhdeas air an roinn; Cha’n éisd iad ris an òran ghaoil ’Tha ainglean Dhé a’ seinn. O sibhs’ tha dol, le ceuman fann, Fo uallach trom a’ bhròin, Air rathad dorcha, doirbh, troimh’n ghleann, ’S a fhuair gu tric ur leòn, B obh ait, tha ’n t-àm a’ tarraing dlùth A dh’ fhuasglas sibh o phéin; O éisdibh, ’n uair a tha sibh sgìth, Ri ainglean Dhé a’ seinn. Feuch là an aoibhneis dlùth do làimh, Mu ’n d’ rinn na fàidhean sgeul! Tha bliadhn’ na saorsa cinnteach dhuinn, Mar ’ghealladh le am beul; Bheir nèamh is talamh nuadh an géill Do Rìgh na sìth r’ a linn, Is éiridh fonn o’n chruinne-che, Mar ainglean Dhé a’ seinn. Duine ’Sireadh Comhairle. FHIR-DHEASACHAIDH CHOIR:—Bho’n a tha sibh ’nar duine glic, teòma, tha mhiann orm mo chùis innse dhuibh, fiach an toir sibh comhairl’ orm anns a chàs chruaidh anns am bheil mi. Beagan ùin’ air ais, thuit mi ann an trom ghaol air nighinn òig a tha ’sa choimhearsnachd. Tha i ’na boirionnach cho eireachdail, air leam, ’s air na leag neach a shùil riabh. Tha i mor ann am pearsa, agus cho direach, deas, ri saighead. Tha da shùil na ceann a chuireadh sealladh air te sam bith, ’sa dagh ruaidh cho dearg ri ròs. Tha ’craiceann cho geal ri gruth, agus a guth cho caoin ’s nach cuala mi ceòl riabh a chuirinn an coimeas ris. Mar a thuirt mi cheana, tha mi ’n trom ghaol oirre, ach tha bochdainn fuaighte rium; tha mi ’m chulaidh thruais leis an nàire, ged nach eil fhios agam carson; agus cha d’ fhuair mi do mhisnich riabh gun do leig mi ris dhi mar a tha chùis. ’Nuair a thachras i rium air an rathad mhor lasaidh m’ aodan suas le teas, agus cha’n urrainn mi facal a labhairt rithe, ged tha mi air bhoile gu faighìnn na còmhradh. Dh’ fhalbh mi caochladh uairean gus a dhol g’a coimhead gu taigh a h-athar, ach ’nuair a bhithinn a teannadh air an taigh, thréigeadh mo mhisneach mi agus b’ fheudar tilleadh. Air oidhch’ àraidh thug mi leam caraide—Dòmhnull bàn—agus dh’ fhalbh sinn a choimhead air Seònaid. ’Nuair a bha sinn a teannadh air an taigh thòisich mo cridhe air plabartaich. Co-dhiu ràinig sinn. Nuair a chaidh sinn a stigh—Dòmhnull bàn air thoiseach, gun teagamh,—(cha d’ amais mis air an dorus a dhùnadh) thainig bodhradh am chluasan agus chaill m[?]u beag mo leirsinn; ach thug mi iunnsaidh air suidhe air furam a bha ’n taobh an taighe, ach, a’ dol tuilleadh is fada ris an dara ceann, sid ’nar glag thuit mi fhéin ’s am furam air an ùrlar. Rinn Dòmhnull bàn lasgan gàire, ach thug Seònaid dhomh cathair, agus “suidh air a chathair,” ars’ ise; Ach leis a’ bhoil’ anns an robh mi, nuair a shuidh mi bha mo chùlaobh ris an teine agus m’ aghaidh air a bhalla, ’Nuair a mhuthaich mi dhomh fhéin thionndaidh mi ma chuairt lion beag is beag gus an robh mi ceart. ’Nuair a thionndaidh mi bha Seònaid faisg orm aig an t-solus agus i ’fuaigheal, agus a chuid eile de ’n teaghlach agus Dòmhnull bàn an taobh eile ’n taighe. Tha mi deanamh gun robh toil aca gréim a dheanamh orm oir tha mi ’m thuathanach math. Shuidh mi ’n sin, cha’n eil fhios de cho fad, ’s mi ’beachdachadh air an t-solus mar gum b’ e ’chiad uair a chunnaic mi solus, ’nuair, dòruinn nan dòruinn! thainig sreathart orm agus cuirear as an solus. Ach lasadh a rithist e agus bha mise ’m thosd mar a bha mi roimhe. Ma dheireadh thall, agus toil agam rudeigin a radh dh’ fhiach mi ri deoch de ’n uisg’ iarraidh, ach O, b’ e sin an spàirn! Thug mi coig no sia dh’ iunnsaidhean agus mi ’n impis mo thachdadh le cnap a bha ’m amhaich, ’s le guth mar gun d’ thigeadh e á puinsean thuirt mi “Bheir dhomh deoch an uisge.” Leum Seònaid cho clis ri gobhlan-gaoithe agus thug i dhomh glaine uisge. ’Nuair a bha mi ’g òl an uisge bha glug agam mar gum biodh aig losgainn a bhiodh an lub, agus an t-uisge ’g am thachdadh. Ma dheireadh chaidh pàirt dhe thar m’ anail agus thòisich mi ri casadaich, agus leis an bhoile ’san robh mi ’n àm sineadh seachad na glaine leig mi as i ma’s d’ rug Seònaid oirre, agus chaidh i ’na ceud spealg air an ùrlar. Thug mi sùil air Dòmhnull bàn agus bha ’bhonaid gu leth ’na bheul agus uisge ma shuilean, ach cha robh comas air. Beagan as a dheigh sin thainig a chùis cho cruaidh air ’s nach b’ urrainn da cumail air fhein na b’ fhaide, agus b’ fheudar falbh. Bhuail mo chas ’san fhuram an dol a mach agus thuit mi. Sin agaibh mar a dh’ éirich dhomhsa a chiad oidhche ’chaidh mi choimhead air Seònaid. Innsidh mi ’n còrr ma’s math leibh e. SEUMAS SAOR. Tobar Nathair, Mar 18., 1897. Sean-fhocal. ’S ann an uair a’ s gainne ’m biadh is còir a roinn. ’S mìne min na gràn; ’s mìne mnai na fir. ’S e lionmhoireachd na laimhe a ni obair aotrom. Ma their mi fhéin “thu” ri mo chu, their a’ h-uile fear e. Ma their thu na ’s léir dhuit, their thu na ’s nàir leat. ’S call caillich a poca, ’s gun tuilleadh a bhi aice. Is sàmhach an obair a dhol a dholaidh. ’S feàrr pilleadh ’am meadhon an àtha no bàthadh uile. Nàire nam maighdeannan an luirgnibh nan cailleachan. Tha thu cho breugach ’s a tha an lach cho bradach. Na toir droch mheas air mac luideagach, no air loth pheallagach. ’N uair a chailleas duine a stòras cha’n fhiù a sheòladh no a chomhairleachadh. ’S ann aig an duine féin a’s feàrr fios c’ àit am bheil a bhròg ’g a ghoirteachadh. Bha ministeir a bha fad iomadh bliadhna a’ searmonachadh do phriosanaich, an deigh paraiste fhaighinn air an dùthaich. A’ cheud latha Sàbaid a bh’ aige ri searmonachadh, smaoinich e gu’n toireadh e dhaibh fear de sheann searmoin, ach gu mi fhortanach, cha d’thug e sùil thairis air, gus ’n do thòisich e leis na briathran a leanas:—“Tha mi faicinn gur e so a cheud uair do chuid agaibh a bhi ’n so, agus tha mi, le firinn, an dòchas gur h-è so an uair mu dheireadh dhuibh.” [TD 290] [Vol. 5. No. 38. p. 2] RAIBEART BRUS. ’N uair a chuala rìgh Shasuinn mu dhol a mach a’ Bhrusaich ’an Alba, thug e bòid shòluimt’ aig fleadh mhòir an làthair a chùirteirean, gu’n deanadh e làn dioghaltas air féin ’s air a luchd-leanmhuinn; agus an déigh sin nach tarruingeadh e claidheamh tuilleadh ach an aghaidh nan Sarasach, naimhdean a’ chreidimh ann am Palestin. Bha Eideard féin a nis air fàs tròm ’us anfhann. Cha b’ urrainn e ’each marcachd a làimhseachadh co aigeannach ’s a dheanadh e roimhe so, ged a bha e co garg ’na spiorad ’s a bha e riamh. Ach chuir e Iarla Phembroc air aghart gus am Brusach ’s a luchd-leanmhuinn a cheannsachadh. Ràinig Pembroc baile Pheirt. Chuir Brus armailt bheag féin ’an òrdugh ’an achadh dlù do ’n bhaile sin, ’s thug e fiadhachadh do ’n t Sasunnach gu còmhrag. Chuir Pembroc fios thuige gu ’n robh cus de ’n là air dol seachad, ach gu ’m biodh e ullamh air son blàr a thoirt dha toiseach an là màireach. Gun teagamh a chur ’am focal an Iarla Shasunnaich, tharruing e air ais a chuid daoine, gus an oidhche ’chur seachad ’an coille Mhethbuin, ’s a choimhearsnachd. An déigh an cuid each a leigeadh mu sgaoil, ’s an cuid armachd a chuir dhiubh thòisich gach buidheann air còcaireachd roimh dhoibh luidhe sios gu tàmh. Ach gu h-obann, thogadh glaodh gu ’n robh na Sasunnaich a tighinn orra ’n an teann ruith le sùil ra ’m beò-shlugadh suas, mas farradh iad air tionndadh. Rug gach fear air armachd co grad ’s a ghabhadh deanamh, ’s am fear a dh’ fheudadh chaidh ’na dhiollaid. Ach bha ’n nàmhaid orra co grad ’s nach b’ urrainn iad a dhol ’an òrdugh; ’s a chionn gu ’n robh triùir Shasunnach mu choinneamh gach Albannach cha b’ urrainn teagamh a bhi ’na leithid de chàs, ciod an taobh air an deigheadh. Chaidh an t-each aig rìgh Raibeart a mharbhadh fodha, ’s bha e féin tearc de mhionaidean ’an làmhaibh a naimhdean. Ach thachair gu’m b’ Albannach bu cheannard air a’ mhuinntir a ghlac e, ged a bha e ’s an arm Shasunnach, ’s o nach robh e air son a thoirt thairis do Eideard leig e cead a choise dha. Ach a thuilleadh air na mharbhadh ’s an t-sabaist so, chaidh mòran a ghlacadh ’n am priosunaich ’s an cur gu bàs an déigh sin. Bha Brus ’na dhuine neo-chumanta treun ’an corp ’s an inntinn; o thugadh air falbh Sìr Uilleam Uallas cha robh duin’ eil’ an Alba a ghabhadh coimeas ris ’an neart, ’s an duinealas, ’s am freagarrachd ’s na h-uile seadh air son feachd a threòrachadh. Agus cha b’ fhad’ an déigh blàr Mhetuin gus an d’ fhuair na comasan sin làn chleachdadh, an dà chuid ann e féin a dhionadh o ’naimhdibh, agus ’an giùlan ’us foighidin fo na deuchainnibh a bha ’coinneachadh ris. Thòisich a chuid daoin’, a lion buidheann ’us buidheann, ga fhàgail, o nach robh dòigh aig’ air an cumail suas. Ach dhlùthlean àireamh maith de fhior chàirdean dìleas ris. ’N am measg sin bha Morair Seumas Dùghlas, ris an abrar an deadh Mhorair Seumas; agus mar an ceudn’ a bhràthair féin Eideard. Thàinig a’ Bhan-righ, mar an ceudna, ’n an ceann, maille ri mnaibh ’us peathraichibh an tearc de uaislean a bha ga leantuinn. Thug iad beanntan na Gàeltachd orra, far an robh iad air an ruagadh car ùin’ o chnoc gu cnoc, ’s o ghleann gu gleann, air feadh Adhoill taobh ’s ear Earra-ghàeil. Bha iad a’ tighinn beò mar a b’ fhearr a dh’ fheudadh iad, air seilg ’us iasgach. Bha eagal air an luchd-àiteachaidh féin mòran caoimhneis a nochdadh do na fògarraich bhochd ud, a chionn gu ’n deanadh na Sasunnaich dioghaltas orra na ’m faigheadh iad a mach e. Fadheòidh thug Brus an oidhirp air faotainn a steach do Lathairn, cearna fharsuinn de Earra-ghàeil, ’an dùil gu ’m biodh e na b’ fhusadh dha e féin a dhionadh ’s a chumail suas ’s an dùthaich sin. Ach bha teaghlach nan Dùghallach, de ’n goirteadh ’s an àm sin tighearnan Lathairn, càirdeail do na Sasunnaich. Agus bha mòr fhuath aig Iain Lathairn, a bha ’n sin ’na cheann air an teaghlach ud, do Bhrus air son e mharbhadh a Choiminich, a bha fagus an càirdeas da féin. Thog e, uime sin, a chuid daoine ’s chaidh e mach an aghaidh a Bhrusaich air los a ghlacaidh mar phriosunach, no fhuadachadh air falbh as a dhùthaich. O nach robh aig Brus ach àireamh beag dhaoine, cha b’ urrainn e aghaidh a chumail ris an fheachd lionmhor a bha leantuinn a chinn-feadhn’ ud, agus mar sin dh’ òrduich e d’a chuid daoine teicheadh tre bhealach cumhang eadar da bheinn, tre nach b’ urrainn a dhol còmhladh ach ro thearc de dhaoine. Bha ’n righ féin air mharcachd; sheas e air deireadh na cuideachd gus an luchd tòrachd a chumail air ais, gus am faigheadh iad teicheadh ’an tearuinteachd. Bha e ’marbhadh ’an sin, thar muin an eich, neach sam bith a bha ’gabhail air an ruaig a leantuinn. Bha triùir de luchd-leanmhuinn an Dùghallaich, athair agus a dhithis mac de ’n goirteadh Mac Androsair, daoine calm’, a bhòidich gu ’m marbhadh iad Brus no gu ’n deanadh iad priosunach dheth, air son e ’bhi mar sud a seasamh ’n an rathad a’ dìonadh a chuid daoine féin. Bha creag àrd, gheur air a dara taobh dheth, ’us loch domhain air an taobh eile, ’s iad sin co faisg air a chéile ’s nach leigeadh e creutair seachad air. Leum an triùir ud ceart còmhladh air an righ. Rug a’ cheud fhear dhiubh air sréin an eich: ach ghearr Brus a ghàirdean deth le aon bhuille de ’chlaidheamh, ’s bhàsaich e le tràghadh fola. Rug a bhràthair air cois a Bhrusaich, ’s thòisich e air a tharruing gu làr, ach chuir am marcach spuirean ris an each a thug a leithid de leum as, ’s a leag Mac Androsair gu talamh, agus an àm dha bhi ’g éiridh sgoilt am Brusach a cheann le aon bhuille de ’n chlaidheamh mhòr. Ach mas gann a bha so deanta bha ’n t-athair an déigh leum air a’ Bhrusach o chulaobh, ’us greim bàis a dheanamh air a làmhaibh ’us fhalluinn air sheòl ’s nach b’ urrainn e làmh a shìneadh no e féin a chur saor air aon chor. Ach ghabh e dha le dul a chlaidheimh gus an do bhris e slig’ a chinn aige; agus ged a bha ’n duine marbh bha leithid de ghreim aig’ air falluinn an rìgh ’s gu ’n robh e ’n impis a thachdadh ’an crochadh ris an each. B’ éigin da mar sin, gu e féin a chur saor, am bucall a bha ceangal na falluinn ’uime fhuasgladh, ’s a leigeadh sios thun an làir leis an duine mharbh. Tha ’m bueall so fathast air a ghleidheadh ’an teaghlach an Dùghallaich, mar chuimhneachan air a’ chaol thearnadh a rinn rìgh Raibeart o thuiteam an làmhaibh Iain Latharna an là ud. Ach an déigh iomadh teugbhail fhuiltich de ’n t-seòrsa so, b’ éigin do ’n righ ’s da chàirdibh sealltuinn a mach air son àite bu tìoraile na na monaidhean fiadhaich ud gus an geamhradh a chur seachad. Bha ’n là nis air fas goirid, ’s an oidhche air fas fada, fuar; ’s cha b’ urrainn na bain-tighearnan am monadh a chumail ni b’ fhaide. Bha caisteal Chill-drumaidh, ’an Siorrachd Abaraidhein fathast a’ cumail a mach ’an aghaidh nan Sasunnach, agus ’an làmhaibh chàirdean do ’n righ. Agus ’s e rùnaich e na bain-tighearnan a chur do ’n chaisteal sin, maille ris a’ chuid eil a b’[?] anfhainne de’n chuideachd, agus a bhràthair féin, Nigel, òganach tlachdmhor, ’na fhear-iùil doibh, ga ’n treòrachadh thun na daingnich sin, ’s na fhear-frithealaidh dhoibh an déigh sin, ’s cha b’ ann gun mhòran iomaguin, ’us dheur a shileadh le gruaidhibh neo-chleachdta ri taiseachadh, a thachair an dealachadh so, gun fhios an coinnicheadh iad gu h-aithghearr, no idir air thalamh. Ach cha robh leasachadh air a’ ghnothuch; b’ éigin sgar achduinn a bhi ann. Fhuair Nigel Brus a steach do ’n daingneach gu tearuinte còmhladh ris na càirdibh a bh’ air an earbsadh ris. Ghabh an rìgh féin, ’us tearc de luchd-leanmhuinn, a measg an robh a bhràthair Eideard, air an aghart tre ’n mhonadh, gus an do ràinig iad Maoil Chinntìre. Ghabh e ’n t-aiseag á sin ’am bàta beag gu ruig Rachluinn, eilean beag air taobh tuath Eirinn, mu thuaiream ceithir mìl’ o thir-mòr. ’S an eilean so chuir e féin ’s a chàirdean an geamhradh seachad tearuint’ o thòrachd a naimhdean fuilteach. Ach cha b’ ann mar sin a thachair do ’n bhuidhinn ris an do dhealaich iad air monaidhibh fuara Bhraidalba. Ghlac na Sasunnaich caisteal Chill-drumaidh, ’s chuir iad gu bàs Nigel Brus àluinn, agus Sìr Cristopher Seton, bràthair na ban-righ, agus mòran eile de fhior chàirdean a’ Bhrusaich, a bha ’n an àrd-mhaithibh na rioghachd. Thugadh a’ bhan-righ féin, maille ri ’leanaban nighinn, agus dithis pheathraichean an rìgh, do Shasunn mar phrìosunaich; agus chuireadh ban-Iarla B[?]uchain ’an gainntir, ann an aon de na prìosuna ’bu treise ’s an rioghachd. [TD 291] [Vol. 5. No. 38. p. 3] Thug ise mòran oilbheim do na Sasunnaich air son i chur a’ chrùin air ceann a’ Bhrusaich ann an Scoinne, ’s bha do réir sin ni ’s mò de thàir ’s de chuing aice ri ’ghiùlan ’s a’ phriosun na aig na bain-tighearnan eile. Agus a thuilleadh air so uile chaidh fearann a’ Bhrusaich arfhuntachadh, no a thoirt air falbh o theaghlach-san gu h-iomlan, agus a bhuileachadh air daoinibh mòr eil’ a bha ’g aideachadh ùmhlachd do rìgh Shasuinn. Is co ìosal sin a thàinig nithe gu bhi maille ri Raibeart Brus air a’ cheud bhliadhn’ an déigh crùn Alba fhaotainn. Cha bu bheag an spionnadh cridhe do neach sam bith seasamh ris gach cruaidh fhortan a bha ’n sud gun ni-eigin de lagachadh a thighinn air a mhisneachd. Agus ma’s fior na sgeòil, cha ’n ’eil e mi choslach nach tàinig eadhon Raibeart Brus, ’an uair dhuirch, gu bhi ’cur teagamh co-dhiù rachadh no nach rachadh e air aghart a dhaingneachadh a chòraichean air a rioghachd féin. ’S ann an uair a bha e gu muladach a’ cunntadh na bha roimhe ’s na dhéigh a thaobh a’ ghnothuich sin, a thachair an ni ud o na thogadh an seanachas mu dhéighinn an damhan-allaidh, a bha ’na bheul-aithris aig an àm ud, ’s o’n uair sin air feadh Alba. Bha ’n rìgh ’na luidh’ air a leabaidh maduinn àraidh, ’s na smuaintean muladach ud a’ dol tre ’inntinn, co dhiubh a b’ fhearr crùn Alba ’chur uaithe, ’s aghaidh a chur air Palestin, gus na Sarasaich fhuadachadh air falbh, ’s gu ’m biodh an tìr sin aig na Criosduidhibh, no oidhirp a thoirt fathast air a dhùthaich féin a shaoradh o fhòirneart ’us ain-tighearnas nan Sasunnach, ’n uair a bhuail a shùil air damhan-allaidh os a cheann, a bha crochta ri snàthainn fada air a shnìomh as féin, agus a bha e ’g oidhirpeachadh a thilgeadh seachad o aon sail gu ceann sail eile, le sùil ri lìon fhigheadh air an t-snàthainn sin eadar an dà shail. Thug am faoin-chreutair ud oidhirp an déigh oidhirp air an t-sail a ruigsinn leis an t-snàthainn gun an gnothuch a dhol leis, gus mu dheireadh an do chunnt Brus gu ’n d’ rinn e deuchainn air sud sé uairean, agus co tric sin gu ’n robh ’shaothair air a call. Agus ’s e ’smuainich Brus gu ’n robh ’n damhan-allaidh ’s an aon suidheachadh ris féin. Bha e air sé blàir a chur ris na Sasunnaich, no ri’n càirdibh, mu ’n d’ fhàg e Alba, agus chaill e iad uile. “Nis,” ars’ an rìgh, “ma bheir an damhan-allaidh aon oidhirp fathast agus gu ’n teid leis, gabhaidh mise sin mar chomharr’ air gu ’n soirbhich an t-aobhar leam féin ann an oidhirp air mo rioghachd a shaoradh o ’namhaid.” Thug an damhan-allaidh an seachdamh oidhirp leis an deachaidh aig air greim a dheanamh air an t-sail ’s an snàthainn a cheangal rithe. Bha ’s an aithris gu ’n do ghabh am Brusach misneachd o sin. Tha cuid de Bhrusaich gus an là ’n diugh nach fuiling damhan-allaidh a mharbhadh, a chionn gu ’m b’ ann le seòladh an fhaoin-chreutair sin a ghabh am fear-cinnidh misneachd gu aghaidh a chur a ris air an nàmhaid.—Eachdraidh na h-Alba. SGEULACHDAN ARABIANACH. V.—EACHDRAIDH AN IASGAIR. (Air a leantuinn.) Chuir an t-iasgair roimhe gu ’n leanadh e comhairle an fhathaich gu buileach, agus nach cuireadh e na lin ach aon uair ’s an latha. Thill e do ’n bhaile leis an iasg agus e gle thoilichte le ’thurus; agus bha mile smaointean ag eiridh ’na inntinn mu thimchioll na bh’ eadar e fhein ’s am fathach. Ghabh e direach a dh’ ionnsuidh luchairt an righ, agus thairg e an t-iasg dha. Ghabh an righ gu toileach uaithe iad, agus bha ioghnadh anabarrach air an uair a chunnaic e iad. Thog e fear an deigh fir dhiubh, agus bheachdaich e orra gu dluth. “Thoir leat an t-iasg so,” ars’ esan ris an ard-chomhairleach, “agus thoir e do’n bhana-chocaire a chuir Iompaire na Greige do m’ ionnsuidh, a chum gu ’n deasaich i e.” An uair a thuirt e so, dh’ ordaich e ceithir cheud bonn oir a thoirt do ’n iasgair. Rinneadh mar a dh’ iarr e. Cha ’n fhaca an t-iasgair uiread so de dh’ or riamh roimhe, agus is gann a bheireadh ’e air fhein a chreidsinn nach e bruadar a bha e ’faicinn, gus an do thuig e gu nath gu ’n robh a’ chuis fior gu leor. An sin cheannaich e gach ni air an robh feum aig a theaghlach. Cho luath ’s a fhuair a’ bhana-chocaire an t-iasg, ghlan i iad, agus chuir i ann am friochdan air an teine iad. An uair a shaoil leatha gu ’n robh an taobh a bha fodhpa bruich, thionndaidh i iad. Ach b’ uamhasach an ni a thachair! Mu ’n do tharr i ach gann an tionndadh, dh’ fhosgail balla na ceatharna, agus thainig boirionnach anabarrach maiseach am mach as. Bha earradh de shioda oirre, mar a bhiodh air na mnathan Eiphiteach, agus bha cluas-fhaineachan oir na cluasan, agus seud-bhannan ro luachmhor m’ a h-amhaich, agus mu chaol a da laimhe. Agus bha slat de mhiortal aice ’na laimh. An uair a chunnaic a’ bhana-chocaire i a’ tighinn thun an teine far an robh am friochdan, cha b’ urrainn di caruchadh as a bhad an robh i ’na seasamh. Bhuail i buille bheag de ’n t-slait mhiortail air fear de na h-eisg, agus thuirt i, “Eisg, eisg, am bheil thu ’deanamh do dhleasdanais?” O nach do fhreagair an t-iasg i, thuirt i na briathran ceudna rithist. An sin thog na ceithir eisg an cinn comhladh, agus thuirt iad rithe, “Tha, tha; ma tha thusa ’cunntadh, tha sinne cunntadh; ma tha thusa ’paigheadh d’ fhiachan, tha sinne ’paigheadh ar fiachan fhein; ma theicheas tusa, ceannsaichidh sinne, agus tha sinn riaraichte.” Cho luath ’s a thuirt iad so rithe, chuir i am friochdan air a bheul fodha anns an teine, chaidh i steach do ’n bhalla, agus dhuin am balla mar a bha e roimhe. Chuir so eagal mor air a’ bhana-chocaire, agus an uair a dh’ fhalbh pairt de ’n eagal dhi, thog i an t-iasg as an teine; ach bha iad air an losgadh cho mor ’s nach b’ urrainnear an cur air bord an righ. Chuir so dragh cho mor oirre ’s gu ’n do thoisich i air caoineadh. “Och! mo thruaighe!” ars’ ise, ciod a dh’ eireas dhomh? Ged a dh’ innsinn do ’n righ na chunnaic mi; tha mi cinnteach nach creid e mi. Bidh fearg uamhasach air rium.” An uair a bha i caoidh air an doigh so thainig an t-ard-chomhairleach a steach do ’n cheatharna far an robh i a dh’ iarraidh an eisg gus a chur air beulaobh an righ. Dh’ innis i dha mar a dh’ eirich do ’n iasg. Ghabh e ioghnadh mor an uair a chuala e mar a thachair. Gun fhacal innseadh do ’n righ mu ’n chùis, dh’ fheuch e ri doigh fhaotainn leis an cuirteadh gach cuis ceart. Chuir e fios air an iasgair, agus dh’ iarr e air ceithir eisg eile de ’n aon seorsa fhaotainn dha, a chionn gun do thachair mi-fhortan araidh do ’n iasg a thug e dh’ ionnsuidh an righ, agus mar sin nach robh iad freagàrrach air son an cur air bord dha. Gun ghuth a thoirt air a chomhairle a thug am fathach air, thuirt an t-iasgair ris gu ’n robh astar mor eadar e ’s an lochan anns an d’ fhuair e an t-iasg, agus air an aobhar sin, nach b’ urrainn da am faotainn gus an la-iar-na-mhairech. Gu math moch air an ath mhaduinn chaidh an t-iasgair a dh’ ionnsuidh an lochain, chuir e na lin, agus fhuair e ceithir eisg de ’n cheart sheorsa a fhuair e an latha roimhe sin, agus thug e do ’n ard-chomhairleach iad. Chaidh an t-ard-chomhairleach leotha do ’n cheatharna, agus sheas e comhladh ris a bhana-chocaire fhad ’s a bha i ’g an glanadh. Chuir i air teine iad mar a rinn i an latha roimhe sin. An uair a bha ’cheud taobh dhiubh bruich, thionndaidh i iad. Ach cha bu luaithe a rinn i so na dh’ fhosgail am balla, agus thainig am boirionnach am mach mar a rinn i an latha roimhe sin, agus an t-slat aice ’na laimh. Bhuail i aon de na h-eisg, bhruidhinn i ris mar a rinn i an latha roimhe sin, agus thug na ceithir eisg a cheart fhreagairt dhi. An uair a fhreagair iad i, chuir i car de ’n fhriochdan anns an teine, agus thill i steach do ’n bhalla. An uair a chunnaic an t-ard-chomhairleach mar a thachair thuirt e, “Tha so iongantach da rireadh; feumaidh mi innseadh do ’n righ mu ’dheidhinn.” Chaidh e far an robh an righ, agus dh’ innis e dha a h-uile ni a chunnaic e. An uair a chual’ an righ mu ’n chuis, bha ioghnadh anabarrach air, agus bha toil mhor aige an sealladh fhaicinn e fhein. Ghrad chuir e fios air an iasgair, agus thuirt e ris, “A charaid, an d’ theid agad air ceithir eile de ’n t-seorsa eisg ud a thoirt do m’ ionnsuidh?” “Le ’r cead, a righ, ma bheir sibh dail thrì latha dhomh, gheibh mi an t-iasg dhuibh.” Thug an righ so dha. Ach gun dail sam bith chaidh an t-iasgair a dh’ ionnsuidh an lochain, agus an uair a chuir e na lin, fhuair (Air a leantuinn air taobh 294.) [TD 292] [Vol. 5. No. 38. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, AM MART 27, 1897. Ma bha daoine ’gearain air cho ciùin, balbh, ’sa bha gnothuichean air a gheamhradh so, ’se ’s dòcha leinn nach bi sin aca ri radh mu’n earrach. Tha pàrlamaid ùr ri bhi air a taghadh ann an Nobha Scotia, agus cha bheag am gluasad a chuireas sin air daoine. Ach a bharrachd air sin, tha Ard-pharlamaid Chanada a nise ’na suidhe, agus a’ tòiseachadh air an obair air son an deach a taghadh. Tha na Liberals air an turus so ri bhi air am deasbhadh. Cha robh ’n riaghladh ’nan lamhan aig suidhe pàrlamaid roimhe o chionn ochd blaidhn’ deug. Re na h-ùine sin bha iad gun tàimh ag innse do’n taobh eile ciod bu chóir dhaibh a dheanamh ’s ciod bu choir dhaibh fhàgail gun deanamh; agus a nise o’n tha ’n stiùir air a cur ’nan làmhan fhéin tha ’n sluagh deònach fhaicinn ciod a ni iad. Tha sinn an dochas gu’n dean iad gu math. Tha Crete car mar a bha i o chionn seachdain. Cha’n eil na rioghachdan, a reir coltais, deònach air cur cruaidh ris a Ghréig, agus tha iad a’ feuchainn ciod a ghabhas deanamh air dòigh shìtheil. Thainig sgeul o chionn latha no dha air ais ag radh gu robh an Sultan deònach righ na Gréige a bhi na àrd-riaghladair air Crete, fodha fhéin, agus gu bheil luchd-riaghlaidh nan rioghachdan mora an deigh an aonta ’chur ris. Ma tha sin fior, agus tha beagan de choltas na firinn air, faodaidh gu’n gabh an gnothuch réiteach, ach tha na Créitich fhéin ag radh nach eil ni sam bith a dhith orra ach a bhi fo riaghladh na Gréige, agus mur faigh iad sin nach bi sith ann. Na’n leigeadh na rioghachdan leotha, bhiodh na Turcaich air an ruagadh as an eilean an ùine gle ghoirid. Litir as na Staitean. Tha mi cur ugad dolair air son bliadhna eile dhe do phaipeir laghach. ’S math an luach dolaìr do shòlas a tha mi faotainn uaithe. Tha mi fuireach ann am baile beag a mach á Boston, far a bheil cothrom agam air moran leubhaidh a dheanamh. Ach am measg na tha de leabhraichean agus de smodal phaidearan Geangach air a sparradh fo’m shròin gach seachduin, cha’n eil a h-aon ris an taisich mo chridhe mar a ni e ris a MHAC-TALLA. Is mor an toileachadh a tha mi faotainn as a Ghàilig. Is iomadh treis chéilidh a tha sinn a faotainn ’o ghillean agus ’o nigheanan Cheap Breatuinn, aig a bheil a Ghàilig cho coilionta ’sa bha i riamh. ’Nan cluinneadh tu sinn aon oidhche a còmhradh, a h-uile neach ’s a theanga cho fileanta ri Frangach, bheireadh tu do bhòid gur ann an Uidhist a thachair thu. ’S ann air a Ghàilig a thog mi mo theaghlach, agus ged a tha iad a nis air fàs mor, tha tri nithean air nach dean a h-aon diu tàir,—a Ghàilg, an lite, agus an sgadan. Bu bhlasda iad ann an dùthaich ar n-àraich, agus is ro bhlasda iad a nise, ’nuair nach eil iad cho pailt. Bha amannan fiunnarachaidh fuasach ann am Boston o chionn mhios no dha. Moody agus Murphy agus Sam Jones, triuir Urramaich a teagasg gach latha. ’S iomadh drungair bochd a chaidh a thionndadh o ’ghòraiche. ’S iomadh peacach bochd a fhuair slàinte. ’S iomadh Criosduidh leisg a chaidh a chur gu nàir us gu obair. Cha’n eil teagamh sam bith nach deachaidh math nor a dheanamh. Air mo shon fein cha tuiginn ceart iad; ach taing do’n Tì bheannaichte sin a chuir ugainn am ministeir urramach sin A. C. Mac Gillfhinnein, cha’n eil mi air m’ fhàgail gun fear-teagaisg. Tha e toirt duinn searmon Gàilig uair ’s a mhios, agus b’e sin an searmonaiche. ’Se tha na shearmon laoidh ghràsmhor ’o thoiseach gu crioch. A bhàrr air a ghràdh a tha ’na chridhe, agus am blàths a tha ’na ghnùis tha ceann-labhairt aige air nach eil pilleadh. ’S mor a mhath do mhuinntir C. B., a tha ’nan ceudan ’ga leantuinn; cha’n eil an eaglais leth mor gu leòir. Ach slan leat. Gu ma fada beò thu. Do charaid dileas, ALASTAIR MAC CITHEAGAIN. Everett, Mass. Comhradh. DOMHNULL.—An do leugh thu MAC-TALLA air an t-seachdain so? CALUM.—Ma ta, ’s mi-fhin a rinn sin. DOMHNULL.—Am faca tu ainmean na muinntir a phàigh? CALUM.—Chunnaic, chunnaic; bha taosgan math ann dhiubh cuideachd. DOMHNULL.—Agus am faca tu d’ ainm fhein ’n am measg? CALUM.—Cha’n fhaca. DOMHNULL.—Agus nach bu chòir dha bhi ann? CALUM.—Gu dearbh, tha mi creidsinn gu’m bu chòir. Tha treis o nach do phàigh mi air a shon. DOMHNULL.—Ma ta, bheir mise comhairle ort: cuir uige gun dàil sam bith na th’ aig ort, agus an deigh so, na toir sùil ann an àireamh sam bith dheth gus am bi thu cinnteach gu bheil e pàighte, agus mar sin gur leat fhéin e. Tha mi ’n doòchas gu ’m faic mi d’ ainm anns an ath àireamh. CALUM.—Gu deabh, ’s tuisa chi sin, agus moran taing dhuit air son a chur ’nam chuimhne. STOR UR TAILLEARACHD. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 293] [Vol. 5. No. 38. p. 5] NAIDHEACHDAN, Bha fir-pàrlamaid air an taghadh air son Tigh nan Cumantach ann an da shiorrachd an Cuibeic o chionn ghoirid,—ann am Bonaventure air an t-seachdain s’a chaidh, agus ann an Wright Di-màirt s’a chaidh. Fhuair na Liberals a stigh anns an da shiorrachd. Tha an sneachda an deigh a dhol á sealladh gu mor o chionn seachdain. Air sràidean a’ bhaile cha ’n eil ach gle bheag dhe ri fhaicinn, a dh’ aindeoin na chaidh ’na cheann oidhche Di-ciaduin. Thatar a’ gabhail na deighe fhathast, ach tha i a’ fàs cunnartach ann an àiteachan. Tha e air aithris gu bheil seana mhèinn Victoria, ri bhi air a dùnadh, agus air a’ fosgladh ann an àit eile far am bi e na’s fhusa an gual obrachadh. Bha fathunn a’ dol mu ’n cuairt roimhe so gu robh i gu bhi air a dùnadh gu buileach, ach tha sinn toilichte nach eil sin, a reir coltais, fior. Tha tri soithichean-smùide agus naodh deug de shoithichean-seòlaidh ag obair air iasgach nan ròn anns a’ Ghulf air an earrach so, agus a reir sgeòil, tha a’ soirbheachadh gu math leotha. Buinidh na soithichean, cha mhor uile, do Newfoundland. Tha còrr us ceithir mile duine air bòrd orra. Tha ’n t-earrach air tighinn; tha an geamhradh air ar fàgail, agus ged a thig lathaichean fhathast a bhios fuar gu leòr cha bhi reothadh ro mhor ann tuilleadh. ’Se chùis a’s miosa ’s an dùthaich so cho fad air deireadh ’sa bhios an samhradh leis an fhuachd a bhios a’ tigh’nn o’n deigh mhoir. Na ’m faigheamaid cuibhteas sin, bhiodh an dùthaich so ’na h-àite cho tiorail ’sa ghabhadh faotainn. Thug sinn iomradh o chionn da sheachdain air dithis dhaoine a bha air an call air an deigh mhoir, ’s iad ag iasgach ròn faisg air Bird Rock. Tha againne ri innse aig an àm so mu bhàs an aon fhir a fhuair gu tir beo, Arsene Turbide. An deigh dha moran fhulang, chaochail e aig Meat Cove oidhche Di-luain. Rinn a chàirdean ’s na h-eòlaich gach ni bha ’nan comas air a shon, ach cha robh e gu feum sam bith. Anns a’ Mheinn a Tuath, air la Fhir Padru’g, chaochail Domhnull Mac Gilleain, fear de na daoine bu shine bha ’san àite. Rugadh e ann an siorrachd Inbhirnis, an Alba, ’sa bhliadhna 1804, agus thainig e mach do ’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1828. Rinn e le ’dhichioll dachaidh mhath dha fhéin ’s da theaghlach agus bha e measail aig gach aon a bha eòlach air. Dh’ fhàg e triùir mhac, aon nighean, agus ochdnar oghaichean. Chaidh soitheach-seòlaidh a chur gu fairge ann am Bath, an stàit Maine, air an t-seachdain s’a chaidh, a thoimhseas ceithir cheud us coig troighean deuga bho toiseach gu deireadh; tha i da fhichead troigh ’sa tri a leud. Giulanaidh i luchd tri mile ’s coig ceud tunna. ’S i soitheach-seòlaidh a’s motha th’ air an t-saoghal; tha ceithir chroinn innte. Tha àireamh de na soithichean ceithir-chrannach so a giùlan guail eadar Louisburg us Portland, co-dhiu bhitheas no nach bi i so ris an obair sin. Chaidh tagradh a chur gu Ottawa ag iarraidh gu ’m biodh lagh sònruichte air a dheanamh a thaobh iasgach nan giomach air cladaichean Cheap Breatunn. Mar a tha ’n lagh rn dràsda cha ’n eil an t-àm anns am faodar giomaich a ghlacadh a’ co-fhreagradh do ’n aimsir cho math ’sa tha e air tir-mor, agus mar sin tha iasgairean an eilean so a’ fulang call mor na h-uile samhradh. Bha ainmean da mhil’ iasgair ris an tagradh so, agus bha e faisg air ceud troigh a dh’ fhad. Tha iadsan a chur an ainmean ris a fuireach anns gach àite ’n cois a’ chladaich eadar L’Ardoise an siorrachd Richmond, us Bay St Lawrence an siorrachd Victoria. Bha àrd-pharlamaid Chanada air a fosgladh Dior-daoin s’a chaidh. Bheir sinn iomradh air na bhios a’ dol air adhart innte gach seachdain. Chuir maighdeann uasal ann am Boston duine beairteach ’san lagh air son e bhristeadh air gealladh-pòsaidh a thug e dhi. Bha i ag iarraidh leth-cheud mile dolair air, ach gun a dhol gu cùirt idir, dh’ aontaich i deanamh le fichead mile, agus phàigh esan sin. Fhuaireadh seana bhean do ’m b’ ainm Mairi Douglas, aig St. Peter’s Road, E. P. I., marbh ’na tigh fhéin maduinn aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i fuireach leatha fhéin, agus bha i ’na slaint ’abhaistich an latha roimhe sin. Bha i tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Cha ’n eil teagamh sam bith anns a’ chùis a nise; tha pàrlamaid Nobha Scotia air a sgaoileadh, agus tha aig an luchd-taghaidh ri pàrlamaid ùr a thaghadh an ùine ghoirid. Tha latha ’n Ainmeachaidh ri bhi ann air an treas latha deug de dh’ April, agus an Taghadh air an fhicheadamh latha. Cha ’n eil iad a reir coltais, a deanamh adhartais sam bith ann an faotainn a mach co rinn am mort ann an Avonport, N. S. Mar a thug sinn iomradh roimhe, tha dithis an greim air son a ghniomh, ach gu ruige so cha ’n eil dearbhadh sam bith aca gu bheil fear seach fear dhiubh ciontach. Tha la na Sàbaid an fhicheadamh latha de dh’ Iun ri bhi air a chumail ma latha taingealachd air feadh na h-Impireachd Bhreatunnaich; ’se sin an latha air an criochnaich a’ bhan-righ an tri ficheadamh bliadhna de ’rioghachadh. Tha Di-màirt an darra latha ficheadh ri bhi ’na latha-féille, agus cha ’n eil teagamh nach bi moran othail agus greadhnachais air a nochdadh le iochdarain Victoria anns gach cearna de ’n t-saoghal ’sam bheil iad. Bha stoirmeannan anabarrach anns na Stàitean an iar ’sa deas o’n thainig an geamhradh. Air an t-seachdain so bha stoirm mhor ann an Georgia, anns an do mharbhadh ’s ’n do leònadh moran. Bha mu fhichead air am marbhadh, agus còrr us da cheud air an leònadh. Leag an stoirm tigh-sgoile ann am baile beag air an dùthaich, agus bha naodhnar de na bha ’na bhroinn air am marbhadh, agus tha tuilleadh nach bi beò ùine ro-fhada. Tha an stoirm an deigh gnothuichean a chuir cho mor troimhe-chéile ’s nach eil dòigh air fios cinnteach fhaotainn ciod a tha tachairt. Iadsan a Phaigh. Niall Mac Gilleain (Eildear) Roseburn. Ailein D. Mac Gilleain, Valley Mills, $2.00 Micheil Mac-a-Phi, Pon Mor, $2.00 M. R. Johnstone, Pon Mor, Alastair S. Mac Leoid, Framboise. Iain N. Moireastan, Framboise. Domhnull Mac Phàrlain, Coxheath. Iain R. Mac Dhomhnuill, Glace Bay, 50c Iain A. Siosal, Glace Bay, Mrs. Nic Artair, Point Tupper. Lachuinn Domhnullach, Gut Mhira. Gilleasbuig Moireastan, Rathad Horne. Uisdean Mac Leoid, Braidalba, E. P. I. Iain M. Gillios, Rona, E. P. I. Calum Caimbeal, Kinross, E. P. I. Murchadh Mac Leoid, Valleyfield, E. P. I. Domhnull Camaran, Amhuinn a Deas, N. S. Iain Ceanadach, Loch na h-Aimhne Deas, N. S. Beataidh Nic Neachtain, Loch na h-Aimhne Deas, N. S. Murchadh Peutan, an Amhuinn Chaillte, Que. Murchadh C. Muireach, Milan, Que. Iain R Domhnullach, Ailsa Craig, Ont. 25c I. L. Lister, Rat Portage, Ont. 35c Bean H. P. Haskell, Boston, Mass. An t-Urr. D. Healey, Sedalia, Mo. Niall Buchanan, Reynoldstown, New Zealand. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 294] [Vol. 5. No. 38. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 291.) e ceithir beathaichean eisg mar a b’ abhaist da, agus thug e dh’ ionnsuidh an righ iad. Bha ’n righ anabarrach toilichte, gu h-araidh a chionn gu ’n d’ fhuair e iad ni bu luaithe na bha duil aige riutha. Dh’ orduich e ceithir cheud bonn oir eile a thoirt do ’n iasgair. An uair a fhuair an righ an t-iasg dh’ orduich e an toirt do ’n chlosaid gus an deasachadh. Cha robh anns a’ chlosaid ach e fhein ’s an t-ard-chomhairleach. Ghlanadh an t-iasg agus chuireadh anns an fhriochdan air an teine iad. An uair a bha a’ cheud taobh dhiubh bruich, thionndaidh an t-ard-chomhairleach iad. An sin dh’ fhosgail balla na closaid, agus thainig duine-dubh a bha anabarrach mor am mach, agus bata mor aige ’na laimh. Ghabh e far an robh am friochdan, agus an uair a bhuail e buille beag de ’n bhata air fear de na h-eisg thuirt e le guth eagallach, “Eisg, am bheil thu ’deanamh do dhleasdanais?” An uair a thuirt e so, thog na ceithir eisg an cinn, agus thuirt iad, “Tha, tha; ma tha thusa ’cunntas, tha sinne ’cunntas; ma phaigh thusa d’ fhiachan, phaigh sinne ar fiachan fhein; ma tha thusa ’teicheadh, tha sinne a’ toirt buaidh, agus tha sinn riaraichte.” Cha bu luaithe a labhair an t-iasg na briathran so na thilg an duine-dubh am friochdan ’s an t-iasg air an urlar; agus bha ’n t-iasg na ghual. Anns a’ mhionaid chaidh e steach do ’n bhalla le feirg, agus dhuin am balla mar a bha e roimhe. “An deis na chunnaic mi,” ars’ an righ ris an ard-chomhairleach, “tha e neo-chomasach dhomh a bhith aig fois ’nam inntinn. Gun teagamh sam bith tha seadh neo-ghnathaichte aig na chunnaic ’s na chuala sinn mu ’n iasg so, agus tha mhiann orm gu ’m faigh mi am mach gach ni mu dheidhinn.” Chuir an righ fios air an iasgair, agus thuirt e ris, “Iasgair, chuir an t-iasg a thug thu do m’ ionnsuidh dragh air an inntinn agam. C’aite an do ghlac thu iad?” “Le ’r cead, a righ,” ars’ an t-iasgair, “ghlac mi iad ann an lochan beag a th’ eadar ceithir chnuic a th’ air chul na beinne ud a chi sibh mu ’r coinneamh.” “An aithne dhutsa an lochan?” ars’ an righ ris an ard-chomhairleach. “Cha ’n aithne. Cha chuala mi guth riamh m’ a dheidhinn, ged nach ’eil tri fichead bliadhna o’n a bha mi ’sealg mu’n cuairt air a’ bheinn ud,” ars’ an t-ard-chomhairleach. Dh’ fheoraich an righ de ’n iasgair, an robh an lochan fad air falbh, agus thuirt an t-iasgair ris gu ruigeadh iad e ann an tri uairean an uaireadair. An uair a chuala ’n righ so, o’n a bha greis mhath de’n latha gun dol seachad, dh’ orduich e anns a’ mhionaid do dh’ uaislean na cuirte iad a dheanamh deiseil, agus marcachd comhladh ris a dh’ ionnsuidh an lochain, agus an t-iasgair a thoirt leotha mar fhear-treorachaidh. Rinneadh mar a dh’ iarr e, agus dh’ fhalbh iad. An uair a dhirich iad gu mullach na beinne ghabh iad mor-ioghnadh an uair a chunnaic iad comhnard anabarrach mor air an taobh eile dhi, nach fhaca a h-aon aca riamh roimhe. Mu dheireadh rainig iad an lochan a bha eadar na ceithir chnuic, mar a thuirt an t-iasgair. Bha ’n t-uisge a bh’ anns an lochan cho soilleir ’s gu ’n robh iad uile a’ faicinn an eisg, agus gu ’n robh iad de na ceart dhathan a bh’ air an iasg a thug an t-iasgair a dh’ ionnsuidh an righ. Dh’ fheoraich an righ de cheannardan an airm a bha comhladh ris ’nan seasamh aig an lochan, am faca iad idir an lochan gus a sid. Agus thuirt iad uile, nach fhac, agus nach mo a chuala iad riamh gu ’n robh an lochan ann. “O’n a tha sibh uile ag radh nach cuala sibh riamh guth m’a dheidhinn,” ars’ esan, “agus o’n a tha ’chuis a th’ ann a’ cur moran ioghnaidh ormsa, tha mi suidhichte nach till mi dhachaidh gus am faigh mi am mach cia mar a thainig an lochan gu bhith an so, agus c’ar son a tha ceithir dathan air an iasg.” An uair a thuirt e so, dh’ orduich e do mhaithean na cuirte a bha maille ris an campa shuidheachadh air bruaich an lochain. Rinneadh mar a dh’ iarr e. An uair a thainig an oidhche chaidh an righ do ’n phailliuin aige fhein, agus labhair e ris an ard-chomhairleach mar so;—“Ard-chomhairlich, tha ’m inntinn gle neo-fhoiseil. Chuir an lochan a bhith an so, agus an duine dubh a thainig am mach a balla na closaid, agus mar a bhruidhinn an t-iasg ris, a leithid de dh’ ioghnadh orm ’s nach urrainn gu ’m bi fois aig m’ inntinn gus am faigh mi am mach gach ni mu ’n chuis. Air an aobhar sin, tha mi suidhichte gu ’m falbh mi as a’ champa an nochd ’nam aonar; agus tha mi ’toirt teann ordugh dhutsa, gun innseadh do dhuine beo gu ’n d’ fhalbh mi. Fanaidh tu anns a’ phailliuin so, agus an uair a thig na ceannardan agus uaislean eile na cuirte am maireach gus mise fhaicinn, their thu riutha, nach ’eil mi ’gam fhaireachadh fhein gu math, agus gu ’m bheil mi toileach a bhith ’nam onar an so. Their thu a’ cheart bhriathran riutha a h-uile latha gus an till mi.” Rinn an t-ard-chomhairleach gach ni ’n a chomas a chum toirt air an righ an gnothach so a leigeadh as a cheann. Chuir e air shuilean dha, gu ’n robh e ’dol ’ga chur fhein ann an cunnart mor, agus gur docha nach biodh dad aige air son a shaoithreach. Ach a dh’ aindeoin na theireadh e cha b’ urrainn da an righ a thoirt as a bheachd; oir chuir e roimhe am muigh ’s am mach gu ’m falbhadh e. Chuir e uime deise a bha freagarrach air son a thuruis, agus thug e leis claidheamh ’na laimh ’s dh’ fhalbh e as a’ champa, cho luath ’s a ghabh iad mu thamh. Fhuair e seachad air a’ bheinn gun duiligheadas sam bith. An uair a chrom e leis a’ bheinn, thachair aite comhnard ris a bha furasda ri choiseachd. Lean e roimhe air coiseachd gus an d’ eirich a’ ghrian. Chunnaic e aitreamh mhor fada uaithe. Thug so toileachadh mor dha; agus bha dochas aige gu ’m faigheadh e anns an aitreamh so am fiosrachadh a bha dhith air. An uair a thainig e dluth do ’n aitreamh thug e an aire gur e bh’ ann caisteal a bh’ air a thogail de chloich mharmhoir, agus gu ’n robh e air a chomhdachadh air an taobh am muigh le stailinn a bha cho sleamhuinn ri glaine. Air dha bhith anabarrach toilichte a chionn gu ’n do thachair ni cho iongantach so ris, sheas e air beulaobh a’ chaisteil, agus bheachdaich e air le mor-aire. ’Na dheigh sin chaidh e dh’ ionnsuidh a’ gheata. Bha da chomhlaidh ris a’ gheata, agus bha te dhiubh fosgailte. Ged a dh’ fhaodadh e dhol a steach, nan togradh e, gidheadh smaoinich e gu ’m b’ fhearr dha bualadh. Bhuail e an toiseach gu beag, agus dh’ fheith e car uine an duil gu ’n tigeadh neach d’a ionnsuidh. Ach an uair nach d’ thainig neach sam bith thun a’ gheata, bhuail e gu math ni bu chruaidhe. Ach an uair a thuig e nach cuala neach sam bith e, bhuail e a rithist agus a rithist; agus an uair nach do fhreagair duine e, ghabh e ioghnadh mor. Cha b’ urrrainn da chreidsinn gu ’n robh caisteal a bha cho math an ordugh ris gun duine a’ fuireach ann. Thuirt e ris fhein, “Mur ’eil duine a’ fuireach ann, cha ’n eagal dhomh; agus ma tha, theid agam air mi fhein a dhion, ma chuirear dragh orm.” Mu dheireadh chaidh e steach air a’ gheata, agus an uair a chaidh e steach air dorus an sgail-thaigh ghlaodh e, “Am bheil duine sam bith an so a bheir aoidheachd do choigreach, a tha ’tighinn a dh’ iarraidh bidh is dibhe anns an dol seachad?” Thuirt e so a dha no tri dh’ uairean; ach ged a thubhairt, cha do fhreagair neach sam bith e. Chuir e ioghnadh air nach robh duine a’ toirt freagairt air. Chaidh e steach do sheomar farsuinn, agus sheall e mu ’n cuairt feuch am faiceadh e neach sam bith ach cha ’n fhaca e neach. An uair a chunnaic e nach robh duine ’s an t-seomar, chaidh e steach do sheomar eile. Bha ’n seomar so anabarrach briagha. Bha ballachan an t-seomair air an comhdach leis an t-sioda a b’ aille ’s bu ghrinne a chunnaic duine riamh. Bha moran de dh’ aiteachan-suidhe ann de’n t-seorsa bu bhriagha ’s bu shocraiche air am b’ urrainn duine suidhe, agus bha ’n t-aodach a bh’ orra air oibreachadh, le snath oir is airgid. ’N a dheigh sin chaidh e steach do sheomar maiseach eile. Ann am meadhain an t-seomair so bha fuaran mor, agus aig a cheithir oisinnean bha leomhain oir, agus a beul nan leomhan so bha ’n t-uisge a’ sior bhruchdadh am mach do ’n tobar. An uair a bha ’n t-uisge so a’ tuiteam ’s an tobar, bha e ’dol ’na dhaimean ’s na neamhnaidean. Bha ’n tobar a’ tilgeadh an uisge as a chionn cho ard ri mullach an t-seomair. [TD 295] [Vol. 5. No. 38. p. 7] Bha tri taobhannan a’ chaisteil air an cuartachadh le garadh anabarrach maiseach, anns an robh ditheanan de gach seorsa air an cur ann am poitean-dhithean. Bha mar an ceudna fuarain ann, agus doireachan, agus mile ni eile a bha ’ga dheanamh maiseach. Agus cha robh seorsa eoin a bh’ air an t-saoghal nach robh a’ ceileireadh anns a’ gharadh. Cha robh iad a’ carachadh as; oir bha lion sgaoilte os cionn a’ gharaidh gus an cumail ann. Choisich an righ o sheomar gu seomar, ach cha d’ fhuair e duine annta. An uair a bha e sgith coiseachd shuidh e ann an seomar anns am faiceadh e an garadh, agus thoisich e ri smaointean air na chunnaic ’s na chuala e. Cha robh e fada ’na shuidhe an uair a chuala e gearain ghoirt ann an seomar a bha dluth dha. Dh’ eisd e le mor aire ris a’ ghearain, agus chuala e gu soilleir na briathran so; “O fhortain! nach leigeadh leam a bhith ni b’ fhaide a’ mealtainn beatha shona, agus a chuir mi anns an t-suidheachadh a’s truaige anns an robh duine riamh air an t-saoghal so, sguir a bhith ’gam gheur-leanmhuinn, agus le grad bhas cuir crioch air mo bhron. Och! am bheil e comasach gu ’m bheil mi fhathast beo an deigh a liuthad pian a dh’ fhuiling mi?” Thainig tioma air an righ an uair a chuala e a’ ghearain so, agus air dha eirigh as an aite ’s an robh e ’na shuidhe, rinn e direach air an aite anns an cuala e a’ ghearain. Agus an uair a thainig e dh’ ionnsuidh dorus an t-seomair, dh’ fhosgail e e, agus chunnaic e duine og, maiseach air ’eideadh ann an trusgan riomhach ’na shuidhe air cathair aird anns an t-seomar. Bha coltas gle mhuladach air an aghaidh aige. Thainig an righ dluth dha, agus chuir e failte air. Chrom an duine og a cheann, agus o nach b’ urrainn da eirigh as a’ chathair, thuirt e ris an righ, “Mo thighearna, tha mi gle chinnteach gur airidh thu gu ’n eirighinn ’nam sheasamh a chur failte ort, agus a thoirt urram dligheach dhut; ach tha aobhar muladach ann air son nach urrainn mi sin a dheanamh, agus air an aobhar sin, tha dochas agam nach gabh thu gu h-olc e.” “Mo thighearna,” fhreagair an righ, “tha mi fada ’nad chomain, a chionn gu ’m bheil a leithid de dheadh bharail agad orm. Agus a thaobh an aobhair air son nach urrainn dut eirigh, ciod sam bith leith-sgeul a th’ agad gabhaidh mi e. Air dhomh do ghearain a chluinntinn, agus a bhith duilich air son do bhroin, thainig mi a thairgse cuideachadh a thoirt dhut. Is e mo ghuidhe ri Dia gu ’m biodh e ’nam chomas fuasgladh a thoirt dhut ’nad thrioblaid. Dheanainn gach ni a b’ urrainn domh a dheanamh a chum cobhair a thoirt dhut. Tha mi ’toirt orm fhein a chreidsinn gu ’m bi thu toileach gu leor fios a thoirt dhomh air mar a thainig mi-fhortan ’nad rathad. Ach innis dhomh an toiseach, tha mi ’guidhe ort, ciod is ciall do ’n lochan a tha dluth air an luchairt so anns an bheil an t-iasg air am bheil na ceithir dathan? ciod e an caisteal a tha’n so? cia mar a thainig thu fhein an so? agus c’ar son a tha thu ’nad aonar?” An aite freagairt a thoirt do na ceisdean so, is ann a thoisich an duine og ri caoidh ’s ri tuiream gu goirt, “O nach neo-sheasmhach an ni fortan!” ars esan, “tha e ’gabhail tlachd ann a bhith ’tilgeadh sios na muinntir a th’ air an togail suas. C’ait am bheil iadsan a tha gu foisneach a’ mealtainn an t-sonais a tha iad a’ faighinn uaithe, agus aig am bheil beatha shocair gun dragh gun bhron?” Air do ’n rìgh a bhith air a lionadh le truas ris anns an t-suidheachadh ’s an robh an duine og, ghuidh e air gu ’n innseadh e gun dail dha aobhar a bhroin. “Och? mo thighearna,” ars’ an duine og, “cionnus a tha e comasach dhomhsa gun a bhith ’sileadh nan deur gun stad?” An uair a thuirt e so, thog e ’aodach, agus leig e ris do ’n righ, nach robh ’na dhuine dheth ach na bha os cionn a leasraidh, agus gu ’n robh a’ chuid eile dheth ’na chloich mharmhoir. Ghabh an righ ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic e an staid mhuladach anns an robh an duine og, agus thuirt e ris, “Am feadh ’s a tha do shuidheachadh a’ cur uamhais agus ioghnaidh orm, tha mi a’ miannachadh gu mor gu ’n innseadh tu dhomh eachdraidh do bheatha. Feumaidh gu ’m bheil i anabarrach iongantach, agus tha mi de’n bheachd gu’m bheil co-cheangal eadar i agus an lochan ’s an t-iasg. Tha mi, air an aobhar sin, a’ guidhe ort, gu ’n innis thu dhomh i. Bheir e aotromachadh dhut an eachdraidh innseadh; oir tha fios is cinnt agam gu ’m faigh daoine a tha mi-fhortanach aotromachadh, an uair a dh’ innseas iad am mi-fhortan do dhaoine eile.” “Bheir mi de thoileachadh dhut gu’n innis mi m’ eachdraidh,” ars’ an duine og, “ged nach urrainn domh sin a dheanamh gun mo dhoilghios urachadh. Ach tha mi ag innseadh dhut roimh laimh gu ’m faic ’s gu ’n cluinn thu na chuireas barrachd mor a dh’ ioghnadh ort na h-uile rud a chunnaic ’s a chuala ’s a smaoinich duine riamh.” (Ri leantuinn.) Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t-seann Laraich. Baddeck, C. B. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4.; ’95 [TD 296] [Vol. 5. No. 38. p. 8] Mairi Ghreannar. O shaorainn, shaorainn, shaorainn i, Air m’ fhacal fein gu’m faodainn sin: ’S ged bhiodh cuid nach saoileadh e, Gu’n saorainn Mairi ghreannar. Shaorainn fein gun teagamh i, Ged bha mi tric a’ beadradh r’i, Nach d’ iarr mi ni mi-dhleasanach, ’S nach freagradh dhomh bhi cainnt air. O shaorainn, &c. Shaorainn fein gu deonach i, ’S cha b’ eagal leam ged’ bhoidichinn, Nach d’ fhuair mi bheag de dh’ fhotus innt’, O ’n ghabh mi eolas cainnt oirr’. Ma tha cron ri leughadh ort An gniomh, no ’n gne, cha leir dhomh e, ’S a dh’ aindeoin beachd an t-saoghail so, Is tusa daonnan m’ annsachd. Tha suairceas, tlachd a’s siobhaltachd, A stri co-dhiu a’s dilse dhut; Tha maise, cliu, a’s finealtachd, Ag imeachd air gach laimh dhiot. Gur modhail, socrach, briathrach thu; Gur aoidheil, caoineal, ciallach thu; ’S nam biodh gach cuis mar dh’ iarrainn iad, Bu tu mo chiad bhean bainnse. T’ fhalt boidheach, cam bhuidh, dualagach, ’S a bharr a’ fàs gu d’ chruachanan— Do phog mar mhil nan cuachagan, ’S do shnuadh air dhreach an t-samhraidh. Gur soitheamh, banail, beusach thu; Gur geanail, sunndach, eutrom thu: Gur connor, fonnor, spéiseil thu; Gu h-aoidheil, ceilleidh, greannar. Cha mhol mi thu, cha ’n urrainn mi. Cha ’n eil mo bhriathran ullamh dhomh, Do bheusan thug mi ’n t-urram dhoibh, ’S iad chuir mi uile ’n geall ort. Ach dh’ innsinn fhin gu soilleir dhuibh, Co i, ’s co uaith a shloinneadh i, Mar bhi gun d’ fhuair sibh coire dhomh, Air son na rinn mi chainnt oirr’. Labhinia. Bha càirdean aon uair aig Labhinia òg, An ainnir àillidh. Dh’ fhàg iad i gu moch; ’Na naoidhein chaill i ’h-uile earbsa ’s taic, A h-uile dìon,—ach neò-chiontas a’s nèamh. Le ’màthair, banntrach uireasbh’ach a’s lag, ’Am bothan ìosal chòmhnuich iad le chéil’; Folaicht’ o dhaoinibh ’n dìomhaireachd nan gleann, Fo dhubhar chraobh an uaigneas sàmhach sèimh, Gu mòr ni ’s mo le macantachd a’s beus. Le chéile sheachain iad mar so an tàir, Tha daoine deanamh tha air at le uaill, Air maise ’s beusachd ann an là an aire. Bu ghann an lòn, ’s cha mhòr nach b’ ionann fòs A’s eòin nan geug, a thàlaidh iad gu suain, Iad sona ’n diugh, suarach mu’n àm ri teachd. Bu chùbhraidh ’dealbh na blàth a’ chéitein ùir Fo dhealt na maduinn mhoch, bu ghloine ’snuadh, Na’n canach féin, no’n sneachd air uchd nam beann. Bha macantas co caoin ’na sùil ghuirm chiùin A’s gann a thog i, ’dearcadh sìos le bàigh Air snuadh nan neònan ’s air na blàithibh maoth; No ’nuair a dh’ éisdeadh i ri sgeul a’ bhròin, Mu chaochladh dòchais bha aon uair co àrd, Mar reul an anmoich dh’ aomadh iad a sìos Fo dhealta tlàth nan deur.—B’ àillidh a dealbh, A’ mhaighdean dreachmhor so bu mhaisich’ fiamh; Le trusgan eutrom dh’ éideadh i gu grinn, Ni b’ fhearr na rìomhadh ard:—a h-àilleachd-sa Cha ’n iarradh sgèimh no suas o rìomhadh fos; Gun rìomhadh idir ’s ann bu riomhaich’ i; Suarach m’a h-àilleachd, b’ àilleachd i air fad, An rìbhinn aonarach ’an uaigneas ghleann. Mar ann an doimhneachd dhìomhair tìr nam beann ’An coire fasg’ach, no ’an glacaibh blàth, A chinneas sòbhrach fad’ o shealladh sùl, Le fàile fallain ’mach air feadh an raoin; Mar sin gu cùbhraidh a’s gun fhios do ’n t-saog’l, Gu lurach aluinn chinn Labhinia suas. Maraichean na h-Alba. (O’N BHEURLA.) A mharaichean na h-Alba, A dh’ fhalbhadh leinn le gairm, Fo’r brataich riamh bu dileas, A sheas ri strì ’s ri stoirm; Le sròl a’ srannraich ’mach o thìr, ’Chur naimhdean sìos le buaidh, Agus siùbhlaibh thar nan sùgh ’Nuair is gailbhich’ smùid a chuain, ’S is fuaimneach, fada toirm a’ chath’, ’S is gailbhich’ smùid a’ chuain. Gu ’n eirich riochd nan treun-fhear Mar éibhlean o gach tonn! O’n uaighibh uaine sàil’, Air ’m bu bhlar dhoibh clàir nan long; ’S far ’n deachaidh Nelson treun do’r dìth. Gu’n las gach cridh’ gu’r gruaidh, ’Dol gu siùbhlach thar nan sùgh, ’Nuair is gailbhich’ smùid a’ chuain; ’S is fuaimneach, fada toirm a’ chath’, ’S is gailbhich’ smùid a’ chuain. Cha ’n fheum ar dùthaich daingnich’, ’S tùr-chaisteil chrann m’a tràigh, ’S ur siubhal-s’ air na sléibhtibh cuain ’S ur dachaidh buan air sàil’ Le tàirneanach o’r darach cruaidh, Their tuinn a chlaoidh gu suain, ’S iad a’ rànaich gu traigh, ’Nuair is gairbne gàirich cuain; ’S is fuaimneach, fada toirm a’ chath’, ’S is gairbhe gairich cuain. A’ bhratach bhuadhar, Bhreatunnach, Gu’n leum ’s gu’n las r’a crann, Gus ’dean uainn’ oidhche ’chruadail triall, ’S reul-sìth’ gu tìr nam beann. Bidh sin, a gaisgeach’ fairge! Ar ceòl ’s ar cuirm le ’r buaidh, ’S fuaim ar ciùil bidh mu’r cliù, ’Nuair dh’ fhàsas ciùin’ air cuan; ’S gun tuillidh toirm no teine cath’, Gun strì gun stoirm air cuan. BREITH. Aig 72 East 114 St., am baile New York, air an 7mh latha dhe ’n Mhàrt, do Mhr. agus do Mhrs. Coinneach Mac Gilleain, mac. BAS. Aig Rathad Mhorley, air a 25mh latha de Februaraidh, Anna Nic Gilleain, bantrach Choinnich Mhic Gilleain nach maireann, ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 297] [Vol. 5. No. 39. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 3, 1897. No 39. Litir o Choinneach Odhar. A DHUINE CHOIR.—Chunnaic mi o choinn ghoirid gu robh sibh a toirt cuireadh do chairdean na Gailig fios a chur ugad an dràsda ’sa rithist; agus ’s ann a smaoinich mi, ged nach eil barail ro mhor agam orm fhéin no air mo chomasan-sgriobhaidh, gu’n cuirinn deuchainn ort le litir o m’ pheann fhéin. Cha’n eil fhios agam co-dhiu chòrdas sin aona chuid riut fhéin no ri do leughadairean; ach mur-a còrd mo sheanachas riut fhéin, cur fios ugam, agus ma mhi-chòrdas e riutha-san deanadh iad an ni ceudna; agus mo lamh-sa dhut, ma gheobh mise brath dhe’n t-seòrsa sin, nach cluinnear an còrr uam. Mar a thuirt am fear roimhe, bidh glas-guib orm am feasda tuilleadh. Nise, cha’n eil teagamh nach i cheud cheist a choinnicheas mi, ‘Co thu, agus c’ àite ’m bheil do dhachaidh?’ Ma ta, cha’n eil mi aìr son a cheist sin a fhreagairt aig an àm so idir. Cha’n eil fhios ciod a dh’ fhaodas mi dheanamh aig àm eile. Fhir a tha leughadh, dùin do shùilean, agus smaoinich cia lion eachdraidh-beatha duine a leugh thu, agus an sin feòraich car son a chaidh eachdraidh nan daoine sin a sgriobhadh? Nach ann a chionn gu robh iad ’nan daoine mora anns an t-saoghal; a chionn gu robh iad ’nan daoine a bha aona chuid treun ann an cogadh, a bha ’nan luchd-riaghlaidh glic, a rinn moran math no uilc anns an t-saoghal, no a bha iomraiteach ann an litreachas na dùthcha d’ am buineadh iad? Nach eil so fior, agus nach eil e fior mar an ceudna gur ann an uair a bha ’n obair a choisinn an t-ainm dhaibh ullamh, no beul ri bhi ullamh, a chaidh eachdraidh am beatha a sgriobhadh? Cha’n eil fhios ciod a tha dol a thachairt dhòmhsa thaobh na tha mi ’cur romham fhéin, co-dhiu a choisneas mi deagh ainm dhomh fein no droch ainm, co-diu a bhios m ifo mhi-chliù no fo dheagh chliù ’nuair a bhios mi ullamh de sgriobhadh nan litrichean so, agus uime sin, bidh mi fada ’n comain do leughadairean ma dh’fhanas iad gun a bhi feòrach co mi, c’àite ’m bheil mi, no ciod a ghnè dhuine th’annam. Cha’n e gu’n cuir an cuid litrichean dragh sam bith ormsa, oir cha ruig iad mi; ach cha bu toigh leam iad a bhi ’cur dragh ort-sa, a dhuine chòir, o’n tha fhios agam gu bheil do leòr agad ri dheanamh mar tha, gun tuilleadh a chur ’na cheann le litrichean faighneachdail o leughadairean do phaipeir. Aon ni innsidh mi gu saor-thoileach, agus ’se sin, ged a tha mi gabhail ainm an fhiosaiche iomraitich a chaidh a chur gu bàs ’sa Bhrathain o chionn còrr us da cheud bliadhna air ais, nach eil, cho fad ’s is fiosrach mi, càirdeas sam bith agam dha. Tha mi ’g innse so air eagal gu ’m bi sùil aig feadhain de na bhios a leughadh mo chuid litrichean ri beagan fiosachd fhaotainn uam an dràsda ’sa rithist. Cha ’n eil fhios agam an creid thu mi, ach cha ’n eil rud air an t-saoghal a’s gràiniche leam na bhi bruidhinn mu m’ dheobhainn fhéin. Cha toigh leam idir e. Neor-thaing nach toigh leam a bhi air mo mholadh le daoin’ eile (fhad ’s a dh’ fhanas iad o chlàr m’ aodainn leis), ach bu bheag orm riamh a bhi agam fhéin ri dheanamh. ’S e mo bharail nach eil e ceart no freagarrach do neach sam bith a bhi ’labhairt a bheag uime fhéin. Ma ni e e-fhéin a mholadh, no ma bhios e deanamh uaill á ni sa[?] bith a rinn e, cha ’n fhaigh e ach gle bheag a bheir creideas d’a sheanachas; ach air an laimh eile ma labhras e gu h-olc uime fhéin, cha ’n e mhàin gu ’n creidear e, ach bidh daoine de ’n barail nach do dh’ innis e leth na firinn. Air an aobhar sin, tha “Coinneach Odhar” aig an àm so a’ gabhail a chead de ’fhéin, agus cha chluinnear e ag radh uiread so mu thimchioll fhéin an da latha so. Ach c’ àite ’n tòisich mi? Cha dean math dhomh iomradh a thoirt air an t-side, neo bidh cuid-eigin a’ faotainn coire dhomh; tha bhi bruidhinn m’ an t-side air a dhol á fasan, ’s ma ni thu bheag a radh m’a deibhinn bithear a magadh ort. Cha b’ ann mar sin a bha ri m’ latha-sa; bhiodh an t-side air thoiseach gach sgeòil. ’Nuair a thigeadh duine stigh air cheilidh, b’e cheud ni an deigh fàilte chridheil a chur air na bha stigh tarruing a thoirt air briaghad no doirbhead na side. Rachadh an aimsir a choimeas ris an aimsir a bh’ ann bliadhnaichean eile, agus uaithe sin rachadh iad iar adhart bho sheanachas gu seanachas, agus mu ’m biodh fhios agad c’àit an robh thu, bha sgeulachd an deigh sgeulachd ’ga h-aithris, a dheanadh a leithid de tharruinn air d’ inntinn ’s nach mor nach diochuimhnicheadh tu gu robh a leithid de ni is sid’ ann, ’s ged a bhitheadh bha thu coma co-dhiù. ’S iomadh oidhche thoilichte a chuir mi seachad ’s mi nam bhalach beag ag éisdeachd ri m’ athair ’s ri daoine còire eile a’ cur seachad na h-ùine air an dòigh ud. ’S fhada uaithe sin, agus gle thric ’nuair a thig m’ dhachaidh o m’ obair, sgith agus air mo sharachadh le cùraman an t-saoghail, theid mo smuaintean air ais gu laithean agus oidhcheannan sona m’ òige, ’nuair nach robh aona chuid iomguin no cùram a’ cur dragh air m’ inntinn. B’iad sin na làithean mu’n do thòisich an t-àl òg air a bhith smaoineachadh gu’m b’iad fhéin bu ghlcie ’s a b’ fhiosraiche na ’m pàrantan. Ach cha toir mi ’n còrr iomraidh air an òigridh an dràsda; cluinnidh iad uam an ùine gun bhi fada. Tha mise cho measail air an oigridh ri duine sam bith, agus theagamh gur e nach eil mi fhéin òg is coireach mi bhi faighinn coire dhaibh, ach tha fhios agam gu bheil iad ’san latha ’n diugh ann an iomadh dòigh mar nach bu chòir dhaibh a bhith. Ach ciod air an robh mi bruidhinn? Air an t-side! Agus tha mi nise cho fada bho m’ chuspair ’sa tha ’n àirde ’n ear o’n àirde ’n iar. Ach siod mo dhòigh-sa; am fasan a bh’ aig Niall bha e riamh ris. Tha mi air na h-uiread a sgriobhadh a nise agus gur h-ann a dh’ fheumas mi sgur, ged nach eil mi fhathast gle fhad’ o ’n àite ’s an do thoisich mi. Ach tha ’n sean-fhacal ag radh gur obair latha tòiseachadh, agus ma rinn mise eadhon tôiseachadh math leis an litir so bidh mi toilichte. Ach cho math ’s ’g am bi an tòiseachadh, ’si chùis a chrioch a bhi ceart. ’S iomadh duine thòisich gu math a chriochnaich gu h-olc; tha mi an dòchas nach ann mar sin a thachras dhòmhsa no dhuit sa, ach ma thoisich sinn gu math gu’m buannaich sinn anns an dòigh cheudna, agus mar sin gu ’n tig sinn gu deagh chrich. Bidh mi a’ fàgail beannachd agaibh an dràsda, cha ’n fhada gus an cluinn sibh uam a rithist, ma theid gach cùis leam ’s gu’n toir sibh féin misneachd dhomh. Is mi ur caraid dileas, an latha chi ’s nach fhaic. COINNEACH ODHAR. Latha nan Amadan, 1897. Tha Pàrlamaid Chanada a nise ’na suidhe còrr us seachdain, ach cha deach a bheag a dheanamh fhathast ach bruidhinn. Chaidh bill no dha a thoirt a stigh leis an Riaghladh, agus àireamh leis na buill, ach cha d’ fhuaireadh na b’ fhaide le aon diubh fhathast ach an leughadh a’ cheud uair. Chaidh aon bhill a thoirt a stigh leis an Riaghladh a rùnachadh nach bi aig an àrd-phàrlamaid am deigh so ri bhi cosg ri rolla luchd-taghaidh ullachadh idir, ach gu’n gabhair an rolla bhios aig gach mor-roinn fa leith air a son fhéin. Mar sin cùmhnair moran do’n dùthaich, agus duine aig am bi guth ann an taghadh buill do’n phàrlamaid iseil, bidh an guth ceudna aige ann an taghadh buill do’n àrd-pharlamaid. [TD 298] [Vol. 5. No. 39. p. 2] RAIBEART BRUS. Co-dhiù, ’n uair thàinig a steach gu maith ’s an earrach, rinn an rìgh na h-uil’ ullachadh a bha ’na chomas air son a chòraichean féin a thoirt a mach o ’naimhdibh cumhachdach. Fhuair e càirdean ’us cuideachadh a measg cinn-fheadhna nan eilean a ’s iar, ’s mar sin thional e càbhlach beag ’s an robh tri bàtaichean deug thar fhichead, agus tri ceud fear air bord annta. Leis an fheachd so thàinig e air tìr ’an eilean Arrain, fo sgàile na h-oidhche. Tha ’n t-eilean beag so air taobh Caolas Chluaidh, dìreach mu choinneamh a chuid fearainn fèin, Carraic, a th’ air taobh deas a’ chaoil sin. Dh’ fheòraich an righ de ’n cheud mhnaoi a choinnich e ’n déigh dol air tìr, ciod an àireamh shaighdearan a bha ’s an eilean? Fhreagair ise, gu ’n tàinig buidheann de choigrich armaichte do ’n eilean o cheann ghoirid; ’s gu ’n do chuir iad an ruaig air an oifigear Shasunnach a bha na fhear-riaghlaidh air Caisteal Bhrothaic, gu ’n do mharbh iad e féin ’s a’ chuid bu mhò de chuid daoine, ’s gu ’n robh iad a nis a’ caitheamh an aimsir a’ sealg feadh an eilein. Thug an rìgh mu ’n airidh e féin a bhi air a threòrachadh a dh’ ionnsuidh na coille bu tric leis na coigrich so a bhi taghall. Nis b’e ceann-feadhna na muinntir ud a chuir an ruaig air na Sasunnaich, agus a chuir cuid diubh gu bàs Morair Seumas Dùghlas, caraid a’ Bhrusaich, ris am b’ éigin dealachadh mu ’n do ghabh e ’n cuan Eireannach toiseach a’ gheamhraidh. Shéid Brus an adharc ’s a choille, ’s co luath ’s a’ chuala Seumas Dùghlas am fuaim ghlaodh e mach le aoibhneas, gu ’m b’e sud an rìgh; gu ’n robh e ga aithneachadh air an dòigh séididh a bh’ aige. Cha b’ fhada gus an robh na càirdean a’ fàilteachadh a chéile le mòr shubhachas, ged nach b’ urrainn gun searbhadas a bhi ac’ a’ cuimhneachadh air ciod a thachair o dhealaich iad. Ach cha bu daoine meath-chridheach na laoich a bha ’n sud. Chuir iad an cinn ri chéil’ ach ciod an dòigh an tòisicheadh iad air ruagadh an nàmhaid a mach as an tìr gu h-iomlan. Rùnaich Brus tòiseachadh ’na chearna féin de ’n dùthaich, a measg a luchd-eòlais, a bha e ’n dùil a dheanadh còmhnadh ris. B’e ’cheud ni a chaisteal féin, a bha ’an Turnberi, a’ bhuntainn á làmhaibh nan Sasunnach. Chuir e null duin’ earbsach a mhuinntir Charraic féin, mar bheachdair gu sealltuinn timchioll air, ’s gu faotainn a mach ciod an inntinn ’s an robh an sluagh, agus ciod an àireamh shaighdearan a bh’ aig na Sasunnaich timchioll air a’ chaisteal. Agus na ’m mothaicheadh e gu ’m biodh an sluagh deònach air éiridh an aghaidh nan Sasunnach, no gu ’n robh coslas sam bith air gu ’n soirbhicheadh leò, bha e gu teine fhadadh air cnoc os ceann a’ chaisteil air là àraidh. Thàinig an là, ’s bha Brus ’s a luchd-leanmhuinn gu h-iomguineach a’ spaisdearachd air ais ’s air aghart air a mhol, ’s cha robh teine no soillse ri fhaicinn. Fadheòidh goirid an déigh an àm shuidhichte, chunnacas solus air an dearbh bhad ’s an robh Cutbert, beachdair a’ Bhrusaich, gu ’fhadadh; sgaoil ’us mheudaich an solus gu bhi na theine mòr, lasrach. Thòisich Brus ’s a chuid daoin’ air tarruing nam bàtaichean thun na mara le mòr aigneadh, an dùil gu ’n robh iad air am fiadhachadh leis a’ bheachdair gu leum air na Sasunnaich. Cha deachaidh iad fad’ o thir ’nuair a thuit an oidhche dhoibh. Ràinig iad fearann Charraic mu mheadhon oidhche. Choinnich Cutbert dìleas air a’ chladach iad le sgeul dhubhach. Thuirt e gu ’n robh Morair Percey ’s a’ chaisteal le àireamh mòr shaighdearan, ’s gu ’n robh e air uiread de eagal a chur air an t-sluagh le ’bhagraidhibh ’s le ’ghniomharaibh, ’s nach robh misneachd sam bith aca gu éiridh an aghaidh rìgh Shasuinn. “Agus a bhrathadair,” ars an righ, “carson a dh’ fhadaidh thu ’n teine ud?” “Oh! Fhir-uasail,” arsa Cutbert, “cha d’ fhadaidh mise riamh e, ’s cha ’n ’eil fios agam co rinn e, no carson; cha ’n fhaca mi e gus an do dhorchaich an oidhche, ’s o’n bha fios agam gu ’m mealladh e sibhse ghreas mi ’n so gu bhur cunnart innseadh dhuibh.” Chuir an naigheachd so oglachd mhòr air Brus. Bha e car greis eadar dha bharail co dhiubh a dh’ fhanadh no philleadh e. Dh’ fheòraich e de ’chàirdean ciod a bha iad an dùil bu chòir a dheanamh? “Air mo shonsa, mar aon neach,” ars Eideard Brus, “cha ’n ’eil mi dol a philltinn, la ’s tàinig mi do dhùthaich mo bhreith air an dòigh so; an dara cuid aisigidh mi saorsa do ’n tìr, no tuitidh mo cholunn air an fhearann ’s an d’ rugadh mi.” An déigh beagan smuaineachaidh thàinig an rìgh féin thun na h-inntinn cheudna. Rùnaich iad uile, mar so, fantuinn a dh’ fhaicinn ciod an soirbheachadh a chuireadh Freasdal nan rathad. Bha mu dha cheud saighdear aig Morair Percey air chairteilibh ’s a’ bhaile ri taobh a’ chaisteal, a thuilleadh air àireamh àraidh a bha ’freiceadain a stigh ’s a’ chaisteal féin. Air mharbhan a’ mheadhon oidhche ud féin chualas fuaim, ’us glaodhaich, ’us éigheach neo-àbhaisteach feadh a’ bhaile. Ged a bha freiceadain a’ chaisteil a’ cluinntinn so uile ’s a’ gabhail uamhais mu ciod bu chiall da, cha dùraichdeadh iad tighinn a mach ré na h-oidhche, gun fhios co an nàmhaid ùr a bha air tighinn, no cia co làidir ’s a bha e. ’N uair a shoilleirich a’ mhaduinn chunnacas na h-Albannaich a’ roinn mòran creiche—armachd, eich-chogaidh, agus uil’ acfhuinn campachaidh Mhorair Percey. Fhuair an Sasunnach dùbhlan a rìs tighinn a mach as a’ chaisteal do ’n achadh fhosgailt’ a chogadh ri Brus. Ach o nach robh saighdear beò aig’ ach an dòrlach a bha ’s a’ chaiseal còladh ris, bu bhuidhe leis fantuinn far an robh e, ’s tàmailt an diùltaidh a ghiùlain. B’e so an ceud car soirbheachail a chuir Raibeart Brus deth ann a oidhirpibh air Alba shaoradh o fhòirneirt nan Sasunnach. Ach goirid an déigh sud thàinig feachd eile Shasunnach do chaisteal Charraic, ’s b’ éigin da aig an àm a chùl a chuir air. Ach aig an àm cheudna chuir e ’n ruaig air dà Iarla Shasunnach ’am blàr tarruingte, ’s theich iad gu caisteal Ara, far an do chuir e séisde theinn riu. Goirid an déigh dhoibh dol air tìr an Carraic rinn Morair Seumas Dùghlas air son a chaisteal féin a spionadh á lamhaibh nan Sasunnach. Thàinig e do ’n choimhearsnachd ré na h-oidhche agus nochd se e féin do iochdaran dìleas a bh’ aig ’athair, a b’ aithne dha ’n uair a bha e ’na bhalach, agus a ghuil le aoibhneas ’n uair a chunnaic se e. Dh’ fholuich se e féin ’an tigh an duine so, ’s chuir e fios gu h-uaigneach, a lion fear ’us fear, air àireamh maith de ’chàirdean dìleas as am feudadh e earbsadh. Chuir e ’chomhairle riu sin mu ciod an rian a ghabhadh iad air cumhachd an nàmhaid a bhriseadh. Bha aon de làithean féille dlùth air làimh, Di-domhnuich Buadhach, air an robh fios aca gu ’m fàgadh na saighdearan uile an caisteal, ’s an rachadh iad a dh’ éisdeachd na searmoin do ’n eaglais a bha ’s a’ choimhearsnachd. Bha ’n Dùghlasach ’s a luchd-cuideachaidh ag ullachadh air son dol do ’n t-searmoin iad féin. Bha iad rud-eigin fadalach mu ’n do ràinig iad an eaglais. Bha cuaille fada bata aigesan ’s aig a’ chuid eile de thuath cheathairn na dùthcha; ’s bha eudaichean uachdair fad’ orra fo ’n robh an cuid armachd foluichte. Mu ’n robh an ceann-feadhna air e féin a nochdadh ’an taobh a stigh de bhallachan na h-eaglais bha e air aithneachadh, ’s thuig mòran, mar is maith a dh’ fheudadh iad, nach b’i ’n t-sìth a bh’ ann. Thogadh an’ éigh thall ’s a bhos, “An Dùghlasach! an Dughlasach.” Thilg gach fear uaithe a chuaille ’s fhalluing, ’s thug e tarruing air a chlaidheamh. Bha ’n t-seirbhis a dol air aghart; ach cha robh urram sam bith gu bhi air a thaisbeanadh dha sin. Shuidhicheadh freicidein mhaith làidir ’an dorsaibh na h-eaglais; ’s ghabh buidheann eile troimpe le ’n armailt rùisgte, a’ reubadh ’s a’ marbhadh nan Sasunnach. Chaidh na saighdearan uile ’mharbhadh no ghlacadh ’n am priosunaich. Co luath ’s a bha obair a’ chasgraidh so criochnaichte, thug an ceann-feadhna, le ’luchd-leanmhuinn aghaidh air a’ chaisteal. Cha robh ’chaismeachd air an aitreabh sin a ruigsinn. Fhuair iad an geata fosgailte, gun duine stigh ach am portair ’s an còcaire. Bha ’n dìnneir deas, ’s am bòrd air a chòmhdachadh ’s an talla air choinneamh nan saighdearan. Dh’ òrduich an Dùghlasach an geat’ a dhruideadh ’s a’ chuideachd a shuidhe timchioll a’ bhùird. ’N uair a ghabh iad an dìnneir, chruinnich esan ri chéile gach ni a b’ urrainn a chuid daoine a ghiùlan leò—armachd, eudach ’us séudan. An déigh sin rinn e aon tòrr de gach gnè bìdh a bha ’s a’ chaisteal, ’s dhòirt e air an tòrr sin gach gnè deocha bha ri ’m faotainn ann—marbh e ’n sin na priosunaich, ’s [TD 299] [Vol. 5. No. 39. p. 3] thilg e ’n cuirp ’san tòrr còladh ris gach ni eile, ’s chuir e ’n caisteal r’a theine leis na bh’ ann. Thug sluagh na dùthcha “Tigh-biatachd an Dùghlasaich” mar ainm air an dioghaltas uamhasach so. Cha robh iomradh air gniomharaibh euchdach a’ Bhrusaich ’s an Dùghlasaich fada gun Lunnainn a ruigsinn. Bha ’m Fad-luirgneach fathast beò, ged a bha e air fàs gu maith tròm, lag, le aois. Cha b’ urrainn e tuilleadh an t-each marcach a laimhseachadh, mar dheanadh e roimhe. Ach bha e co brùideil, garg ’na spiorad ’s a bha e riamh, agus co rùnaicht’ air na h-Albannaich a cheannsachadh, ’s am peanas a b’ eagalaich’ a dheanamh air na cinn-fheadhna chrosd ud nach robh idir air choslas géilleadh dha. Thog e air gu tighinn a nall do Alba, ’s dh’ òrduich e do ’fheachd cogaidh iad ga choinneachadh aig Carslile. ’N uair a ràinig e féin am baile sin leig e air gu ’n robh e air ath-nuadhachadh co mòr ’an neart ’s gu ’n tug e suas an carbad siubhail a bh’ aige mar thabhartas anns an àrd-eaglais, ’s gu ’n do ghabh e each marcachd. Ach thug e ceithir là air marcachd séa mìle. Leis an triall mhall so ràinig e àite ris an abrar Bail’-air-tràigh, air taobh deas Ghallbhaigh. Ghabh e ’leabadh ’an sin ’s bhàsaich e air an 6mh là de mhìos deireannach an t-samhraidh, 1307, mu ’n cuairt do chuig mìosan ’an déigh do ’n Bhrusach eilean Rachlainn fhàgail. B’ e ceannsachadh Alb’ an ni àraidh a bh’ air smuaintibh Eideird air leabaidh a bhàis. Thug e air a mhac, air an robh ainm féin, bòideachadh, co luath ’s a dh’ fhalbhadh an t-anam as, gu ’m bruicheadh e a chorp ann an coire mòr, gus am falbhadh an fheòil bhàrr nan cnàmh; gu ’n adhlaiceadh e ’n sin an fheòil, ’s gu ’m fuaigheadh e suas na cnàmhan ann an seiche tairbh, ’s gu ’n tugadh e ma ’n airidh an giùlan gu ruig Alb’ air ceann an airm Shasunnaich, co tric ’s a dh’ éireadh na h-Albannaich ’an ceannairc ’na aghaidh. Bha e ’n dùil gu ’n do dhùisg na rinn e dh’ fhòirneirt ’s a shàrachadh air sluagh na rioghachd sin a leithid de uamhas na ’n uchd, ’s gu ’n tugadh glagadaich a chuid chnàmhan fada, fuar’, orra an cuid armachd a thilgeadh uatha, na ’n tachradh dhoibh aig àm sam bith droch comhairl’ a ghabhail gu éiridh. Cha robh na h-eòlaich a toirt creideas sam bith do Eideard II. air son géire no gliocais. Ach bha de chéill aig’ ’an toiseach a rioghachaidh nach do choimhlion e ’bhòid a thug an uile-bheist ud, ’athair, air a dheanamh, ach gu ’n do chuir e ’n corp air a s gu bhi air adhlacadh le e reachdas ’an Abaid na h-Iarmhinsteir ’an Lunnainn. Ghabh Eideard òg féin air aghart do Alb’ air cheann an airm gus an do ràinig e siorrachd Ara, ’s mharsail e ’n sin air ais gu ruig Sasunn, gun bhuill’ a bhualadh. Dh’ fhàg e aig a chuid oifigearan stiùireadh an airm, ’us ceannsachadh Alba. Bha e, gun teagamh, a’ deanamh a ghnothuich ni b’ fhusadh do rìgh Alba gur leanabh a thàinig ’an sud gu suidh’ air righ-chaithir Shasuinn. Ach an déigh sin uile bha obair gu leòir roimhe fathast, na nàimhdean a sguabadh a mach as an tìr. Ged phill Eideard dhachaidh bha mòran shaighdearan aige fathast ’an Alba. Bha caistealan ’us daingnichean làidir na rioghachd, cha mhòr, gu h-iomlan aige ’na chumhachd féin. Agus ni bu ro mhiosa na sin, bha mòran de àrd-mhaithean na h-Alb’ ag aideachadh an ùmhlachd do rìgh Shasuinn mar an rìgh dligheach, air eagal gu ’n cailleadh iad an cuid fearainn buileach na ’n aidicheadh iad Brus, agus nach soirbhicheadh leis an déigh gach saothair. Ach air an làimh eile, bha mòran a’ gabhail misneachd gu cruinneachadh thuig’ as gach cearna de ’n dùthaich, ’n uair a bha iad a’ cluinntinn an tomhas de shoirbheachadh a bh’ aige féin ’s aig Morair Seumas Dùghlas air feadh siorrachd Ara. Agus ’an ùine ghoirid thàinig a luchd-leanmhuinn gu bhi co lionmhor ’s gu ’n do chuir e gu maith tric an ruaig air na h-oifigearaibh Sasunnach, de Ualeus agus Morair Cliford, air sheòl ’s nach gabhadh iad orr’ a choinneachadh tuilleadh ’s an achadh fhosgailte, gus am faigheadh iad àireamh mòr sluaigh cruinn. Ach o nach robh rian aig Raibeart air an armailt a phàigheadh, b’ éigin a bhi ga ’n cumail aig seirbhis thall ’s a bhos, ’n am buidhnibh, a’ creachadh na Sasunnach, ’s a’ glacadh air an rathad an cuid bìdh ’us armachd; agus mar sin bhiodh an rìgh gu maith tric air fhàgail na aonar le glé thearc còmhladh ris mar gheard pears’, agus aig na h-amaibh sin bhiodh e ’n cunnart a bheatha chall leis na buidhnibh Sasunnach, ’s an càirdibh ’an Alba, de ’n robh siorrachd Ara nis air a lionadh. Thàinig Iain Lathairn, mu ’n cualas roimhe so, a nall do Ghallobhaidh, far an robh fearrann aige féin, ’s fhuair e buidheann ’s an robh da cheud fear cruinn, gu dhol air tòir a’ Bhrusaich. Thug iad coin-luirg leò, chum ’s mur glacadh iad aig an tigh e gu ’n lorgadh iad e ’s na monaidhibh, ge b’e àit’ an teicheadh e. Fhuair an righ sanas o charaid éigin gu ’n robh na naimhdean so a’ deanamh air son a ghlacadh an oidhche sin féin. Bha fios aige féin ciod a dheanadh e ’n a leithid sin de chàs. Cha robh ach mu thrì fichead fear co faisg air ’s gu ’n cluinneadh iad uaithe le cabhaig. Chruinnich e iad sin, ’s dh’ fhalbh e air an ceann tre mhonadh ’s tre choille nach robh fad as, agus an sin, tre amhainn a bha ruith tre àite cas, agus bruthach àrd air a thaobh thall, agus rathad domhain, cumhang air a chladhach ’s a’ bhruthach sin, anns nach robh rùm ach aig aon duine còmhladh. Cha robh beul-àth fagus do làimh ach sin a bha mu choinneamh a’ cheum chumhaing so. Chaidh e féin ’s a chuid daoine seachad air a’ bheul-àth so. Threòraich e iadsan tacan beag suas o sin, gus an leigeadh iad an anail, ’s gu ’n gabhadh iad beagan tàimh an déigh an turuis. Phill e féin ’s dà fhear-frithealaidh a dh’ ionnsuidh a bheul-àth. Bha fios aige ma bha na coin-luirg aig an luchd-tòrachd gu ’n treòraicheadh iad a dh’ ionnsuidh an àit’ ud iad; ’s cha ’n iarradh e chaochladh a dh’ àite gus an coinneachadh. An déigh feitheamh ùine ghoirid, chualas tabhannaich nan con a’ tighinn air aghart. Ach cha robh e ’dol a dhùsgadh a chuid daoine trom, sgìth, air son fuaim coin sam bith. Fadheòidh, ri solus na gealaich chunncas an luchd-tòrachd a’ tighinn air aghart, a’ bras choiseachd an déigh nan con. Ghrad chuir e air falbh a sheirbhisich a dhùsgadh nan daoine; sheas e féin roimh an nàmhaid aig a’ cheann chumhang. Bha ’n ceud fhear a thàinig aig aghart air mharcachd; ghabh e troimh ’n bheul-àth, ’us suas tre ’n rathad chumhang ud. Ach cha bu luaithe chaidh e steach ann na bha sleagh a’ Bhrusaich sàithte ’na chorp; thug an ath shàthadh dhi tre chorp an eich an t-ainmhidh gu talamh. Bha mar so an t-each ’s am marcach marbh a’ torradh suas an rathaid air sheòl ’s nach bu ni soirbh faotainn seachad orra tre ’n cheum chumhang ’s an robh iad. Chaidh an aon diol a dheanamh air an ath fhear ’s air an treas fear a dh’ oidhirpich dìreadh. ’S bha ’n fheadhainn a bh’ air taobh thall na h-aimhne ’glaodhach riu greasad air aghart, nach bu chomasach do aon duine seasamh ris na bh’ acasan de shluagh. Ach mu ’n deachaidh obair a’ chasgraidh ro fhad air aghart chunnacas luchd-cuideachaidh an rìgh nan teann ruith a nuas gu bruaich na h-aimhne. An sin thug Iain Lathairn ’s a chuid daoine na buinn dhi, ’s cha do chuir iad tuilleadh dragh air aig an àm sin. ’N uair a ràinig a chuid daoin’ e fhuair iad an gaisgeach ’an déigh a chlogad a chur dheth, agus a’ tiormachadh an fhalluis air falbh dheth ’eudan, agus cùig fir dheug, mar a tha cuid ’ga chunntadh, de ’naimhdean muin air mhuin air bruaich na h-aimhn’ air tuiteam. Ach ’s e ’n cunnart bu mhò ’s an robh ’n rìgh gu ’m biodh e air a bhrath le cuid a bha ’g aideachadh a bhi ’n an càirdibh dha, chum ’s gu ’m faigheadh iad an t-airgiod ceann a bha rìgh Shasuinn an déigh a chur air, agus a bha ’n a suim anabarrach mhòir ’s an linn ud, anns an robh airgiod co gann. Thugadh iomadh ionnsuidh air a bheatha le cuid a bha ’sanntachadh an airgid so, ach uatha sin uile shaor an Tighearn e. Ach mar bha mòran, araon de àrd-mhaithean na tìre, ’s de ’n t-sluagh chumant’ a’ gabhail misneachd o’n tomhas de shoirbheachadh ris an robh Brus a’ coinneachadh, ’s le bhi ’faicinn nach robh aon chuid comasan no togarrachd air son cogaidh aig Eideard òg Shasuinn, thòisich iad air tional as gach cearna dhe ’n dùthaich gu bratach an rìgh dhlighich féin. Fhuair e nis e féin comasach air aghaidh a thoirt do bhuidheann sam bith de na Sasunnaich a choinneachadh e ’s an achadh fhosgailte. Ghabh e null thar amhainn Chluaidh air ceann armailt lionmhoir air los séisd a chur ris na dainghichibh bu treis’ a bh’ aig an nàmhaid air taobh (Air a leantuinn air taobh 302.) [TD 300] [Vol. 5. No. 39. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, APRIL, 3, 1897. Litir a S. W. Margaree. “Thainig Earrach oirnn m’an cuairt, Theid am fuachd fo fhuadach cìan, Theid air ìmrich thar a’ chuain Geamhradh buaireasach nan Sìan; Ràidhe sneachdach, reòtach, cruaidh, A dh’ atas colg nan luath-ghaoth dìan, Sligneach deilgneach, feanntaidh, fuar A lom, ’sa dh’ aognaich snuadh gach nì.” “Nochdaidh Phoebus duinn a gnùis, A dealradh o thur nan spéur, Le soillse caoimhneil, baoisgeil, blàth, Gu tlusmhor, bàigheil ris gach crèubh; Na sgrios a’ ghaillionn chiurraidh, fhuair Mosgladh iad a nuas o’n éug; Ath-nuadhaichear a’ bhliadhn’ as ùr, Gach dùil gu mùirneach; surd air féum.” Nam bithinn an darra leth cho comasach air sgriobhadh ’s a bha ùghdair nan ceathramhnan so, Eoghan Mac Lachuinn, dh’ fhaodain an deagh litir a chur a dh’ ionnsaidh a’ MHIC-TALLA; ach bho nach ’eil, biodh sibhse mar is abhaist, car lethsgeulach orm, agus a’ gabhail na toil an àit’ a’ ghniomha. Tha ’m Màrt a nise gus a bhi seachad, agus, gu dearbh, ’s iomadh stairirich a rinn e. Cha robh seòrsa sìde nach tug e dhuinn,—fuachd is teas, reodhadh is buige, stoirm is fiath. Tha na ròidean a nise ’fàs dona; agus cho luath ’s ga falbh an sneachda tuilleadh, ’s e is fhèarr. Tha mu thri cheud damh biata ’am Margaree am bliadhna. Tha iad so a nise deiseil airson nam marcaid, agus bithidh dùil ri bùidsearan Shidni a h-uile latha tuilleadh. Tha sinn a cluintinn nach ’eil na prìsean ach car mar a b’àbhaist; ma gheibh na tuathanaich ochd sentaichean am pùnnd air an fheòil, cha bhi iad a’ gearain,—tha ’phris na ’s trice fodha sin no as a chionn. Tha am ’deanamh an t-siùcar a nis air teachd. Mar a thubhairt an te ’bha deanamh an òrain:— “Gheibhear siùcar á’ craoibh Ach an goc ’chur ’n a taobh, ’S cha dochair e h-aon d’ a géugaibh.” ’Nuair tha’n t-sìde freagarrach, is toilichte ged ’s saruichte an obair, a bhi cruinneachadh an t-sap a dh’ ionnsaidh a’ “chaimp” gus a ghoil sios gu molasses no siùcar. Is ann leam fhìn bu toil ’nuair a bha mi òg, seachdain no dha ’chuir seachad ’an gleannan blàth ris an obair so, gun duine comhla rium ach seann Eoghan Ruadh gu cumail an teine air dòigh. Is minic, air oidhche bhriagha, a ruigeadh baidean de ’n òigridh air chéilidh, agus gu firinneach, cha d’ ionndrainn mi riamh casg an annais a thoirt daibh ach comas a bhith agam idir air sin a dheanamh. Cha ’n ’eil coille mhor mhàiple ri fhaighinn a nis ach an corra aite; thuirt Iain Ban rium an dé gu ’m b’ aithne dhasan, tom briagha dhith fhathasd air chul na Beinne Brice, gu’n robh e fhein agus Raghail aige ma ’n am so ’n uiridh. Bhatar a deanamh moran siùcair air an abhainn so ’nuair thainig na daoine an toiseach a dh’ fhuireach do ’n àìte. Bha roinn mhath de mhàiple a’ fas air na h-ìosail an cois na h-aibhne, ach b’ fheudar an glanadh uile air falbh gus an talamh a réiteach air son feoir ’us barra. Bho chionn iomadh bliadhna, dh’ fhalbh da Ghàidheal chòir le luchd canoe de mhulchagan siucar do ’n Acarsaid. Ged a bha iad na’n daoine foghainteach, gléusda air tir, cha robh eolas sam bith aca air stiuradh a bhat’ Innseanaich ann a’ sruth cas na h-aibhne. Aig cuairt àraid, far an robh an t-uisge ruith gu molach, garbh, thainig an canoe mu’ n cuairt le sraònuidh, bhuail e le breab ris a bhanc air an taobh thall, agus gu mi fhortanach chaidh car dheth! Chaill iad an siùcar, agus dh’ fhag sin an t-uisge milis aig na bric fad seachdain! Tha mi tuigsinn gu’n a chord am bàl gu math ri “gill-a-ghobha.” Tha e ’gradh gu ’n robh na caileagan ’ga thoirt a roghainn air gillean eile; tha mi ’ga chreidsinn,—cha b’e ’n dé a’ chiad latha do ghill’-a-ghobha ’dhol na sgoil. Ach ma tha toil aig gean math nan nìonag a ghleidheadh, na biodh e ’ginnseadh dad ’s an dòigh ud; oir tha e car cunnartach gu ’m faodadh pairt eile dhiubh a bhi paillt cho fridhearra ’s cho furasda beantainn daibh ri MÒR. Am Mart, 27mh latha, 1897. Tha caraide do ’n MHAC TALLA ag iarraidh fiosrachaidh a thaobh fir Tormoid Mac Fhionghain a dh’ fhalbh bhar Loch Ainslie ’sa chaidh gu Australia o chionn tri fichead bliadhna. An deigh a bhi an Australia chaidh e gu New Zealand. Bha e ’n toiseach ’na chiobair, ach an deigh sin bha e ’mèinneadaireachd. Bha e ’na dhlùth charaide do Dhomhnull Mac Leoid, mac do ’n Urr. Turmoid Mac Leoid. Cha robh e pòsda riamh, agus chaochail e mu fhichead bliadhna air ais, ’se gu math beairteach. Tha ar caraide dhe’n bharail gu faod Mr. Iain Rothach a bhi comasach air innse mu dheibhinn, agus ma tha, tha fhios gu’n cluinn sinn uaithe. Bu mhath leinn cluinntinn o neach ’sam bith aig am bheil am fiosrachadh a tha ar caraid ag iarraidh. STOR UR TAILLEARACHD. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 301] [Vol. 5. No. 39. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha an t-side bh’ ann o chionn che’-la-deug gle mhi-fhallain, agus chaochail moran. Aon la air an t-seachdain so, Di-màirt, bha tri torraidhean anns a bhaile. Tha carbad a ruith eadar Sidni us Sidni a Tuath a nise, oir tha ’n deigh air fàs dona, agus leanaidh e air ruith gus am fosgail an acarsaid ’s am faigh na bàtaichean cothrom ruith. Tha chuid a’s fhearr de ’n gheamhradh seachad, agus mar a’s luaithe thig an samhradh ’s ann a’s fhearr. Thuit fear Henry Newton marbh anns a bhaile Di-satharna s’a chaidh. Thainig e do ’n bhaile o chionn treis a bhliadhnaichean air ais comhla ri cuideachd chleasaichean; dh’ fhag e iad, agus bha e o’n uair sin a reic stuth làidir. Cha ’n eil teagamh nach b’e ’n t-òl a dh’ aobharaich a bhàs. Thatar ag radh gu robh a chuideachd gle mheasail, agus math air an doigh, ged a chaidh esan a dholaidh mar siod. Aon latha air an t-seachdain s’a chaidh thachair dithis dhaoin’ oirnn a chuir beagan annais oirnn. A cheud fhear, tha e giùlan ainm Gàidhealach, ach is ban-Eirionnach a mhàthair, agus cha ’n eil facal Gàilig na ceann. Am fear eile ’se bana-Ghàidheal a bha ’na mhàthair, ach ’se Spàinnteach a b’ athair dha, aig nach robh Gàilig na bu mho na bha i aig màthair an fhir eile. Agus ged a bha sin mar sin, tha ’n dithis dhaoine so ’nan cainnt ’s nan cleachdaidhean cho Gàidhealach ri duine tha leughadh MHIC-TALLA. La na Sàbaid s’a chaidh, aig Leitche’s Creek, chaochail Mor, bantrach Dhomhuill Dhomhnullaich, an deigh dhi aois ceud bliadhna ’sa seachd a ruigheachd. Rugadh i ’s an t-Seann Dùthaich ’sa bhliadhna 1790, agus thainig i air imrich do ’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1827. Bha a cuimhne ’sa h-aithne cho math ’sa bha iad riamh gus ùine ghoirid mu ’n do chaochail i. Bha a fradharc cho math ’s gu ’n cuireadh i snàithnein ann an snàthaid bhig gun ghlaìneachan. Dh’ fhàg i sianar chloinne beò, tri fichead ’sa dha de dh’ oghaichean, agus a h-aon deug air fhichead de dh’ iar-oghaichean. Bha a fear-pòsda ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’ aois ’nuair a chaochail e. So ainmean nan daoine tha ’feuchainn ri bhi air an taghadh mar bhuill pàrlamaid ann an siorrachdan Cheap Breatunn. Tha aìnmean nan daoine tha stigh an dràsda air an cur ann an litrichean Eadailteach:— INBHIRNIS. Liberals.—Seumas Domhnullach. M. J. Doucette. Conservatives.—Alasdair Caimbeul. J. H. Jameson. VICTORIA. Liberals.—An t-Onarach Deorsa H. Murray. Iain G. Moireastan. Conservatives.—Iain A. Domhnullach. A. G. Mac Leoid. CEAP BREATUNN. Liberals.—Dr. A. S. Kendall. Alasdair Johnstone. Conservatives.—Dr. Uilleam Mac Aoidh. Iain I. Mac Carmaic. RICHMOND. Liberals.—Simon Joyce. Donnachadh A. Mac Fhionnlaidh. Conservatives.—Iain Moireastan. Remi Benoit. Ann an siorrachd Richmond cha ’n eil Ioseph Mathanach (Lib.) a bha ’sa phàrlamaid so, a’ dol a dh’ fheuchaìnn idir, agus tha Mac-Fhionnlaidh a’ ruith ’na àite. Bha buill Cheap Breatunn air an roinn gu cothrom anns a phàrlamaid so,—ceathrar air gach taobh—siorrachdan Inbhirnis agus Cheap Breatunn a’ cur chonservatives innte, agus siorrachdan Victoria us Richmond liberals. Tha am Màrt air falbh, ach tha ’n t-side fuar, greannach gu leòr fhathast. Bha ar caraid “A. S.” á Amaguadies Pond, ’gar coimhead an la roimhe. Cluinnidh sinn uaithe an ùine ghoirid. ’S toigh leinn daonnan ar càirdean a thaghal againn ’nuair a thig iad a stigh do ’n bhaile. Chaidh Ioseph Handley, a thug ionnsuidh air duine mharbhadh ann a’ Halifax o chionn beagan us mios, fhaotainn ciontach air an t-seachdain s’a chaidh, agus fhuair e deich bliadhna dhe ’n tigh-obrach. Tha ceannaichean Halifax an deigh moran ti a cheannach, an dùil gu ’m bi cis air a chur oirre air an earrach so. Thatar ag radh gu bheil de thi anns a’ bhaile na chumas ris a’ mhor-roinn fad bliadhna gu leith. B’e Dior-daoin Latha nan Amadan, no mar a their cuid latha na gogaireachd, ’S iomadh duine ’s bean, nighean us gille as an d’ thugadh an car air an latha sin; na ’m biodh againn ris gach aon a chaidh a chur air turus gogaireachd a chur sios mar amadan, cha mhor dhaoine glice a bhiodh againn ’san dùthaich, Ach cha ’n e h-uile duine as an gabh an car toirt a dh’ fhaodar a mheas ’na amadan. Tha cath an Taghaidh air tòiseachadh. Tha ’n da phàirtidh an deigh an cuid dhaoin’ ainmeachadh, agus a’ cur rompa spàirn chruaidh a dheanamh chum am faotainn air an taghadh. Cho fad ’s is aithne dhuinne, cha ’n eil eadar-dhealachadh mor sam bith eadar an da thaobh, agus ’s e ’n aon ni a’s fhearr do ’n luchd-taghaidh a dheanamh gun sealltuinn ri pàirtidh idir, ach an duine ’s fhearr a chur a stigh ge b’e taobh de ’m bheil e. An duine tha ceart agus onarach aig an tigh, ’s e ’s dòcha gu ’m bi e mar sin anns a phàrlamaid, ach an duine nach eil ceart no onarach aig an tigh, agus ris nach earbadh duine a ghnothuch fhein, creideadh e nach bi e mar bu chòir ann an tigh na pàrlamaid. “Am fear a bhios earrach ’sa bhaile so bidh e carrach ’sa bhail’ ud thall.” Aig na Forks, maduinn na Sàbaid s’a chaidh, chaochail Ruairidh Mac Fhionghain, fear de na daoine bu shine ’san sgireachd Rugadh e an Uidhist a chinn a Tuath ’sa bhliadhna 1815, agus bha e mar sin ceithir fichead bliadhna ’sa dha a dh’ aois. Dh’ fhag e bantrach, ceathrar mhac us triùir nighean. Bha e ’na dhuine math air an robh mor-mheas aig na fhuair eòlas air. Bha e ’na eildeir an eaglais St Andrew’s; b’e fear de na cheud fheadhain a bha air an taghadh ri linn an Dotair Mhic Leòid. Chaidh an corp a thìodhlacadh anns a chladh air Hardwood Hill. Bha e ’n toiseach air a thoirt a stigh do ’n eaglais, far an robh seirbheis ghoirid air a cumail. Bha moran sluaigh a làthair, agus lean a’ chuid mhor dhiubh an giùlain do ’n chladh, mar sin a’ taisbeanadh an urraim agus an gràidh dha-san a bha mar athair anns an eaglais agus anns an sgireachd. NADUR EILE. Tha bean-uasal á Montreal a’ sgriobhadh:—“Tha K. D. C. an deigh m’ fhear-pòsda a thoirt o bhi ’na mhathan gu bhi ’na dhuine caoimhneil, gràdhach.” Cha ’n e mhain gu bheil esan a th’ air fhàgail crosda, greannach, le droch stamaig, ’na shàruchadh dha fhéin, ach tha e na throm-uallach air feadhain eile. ’S ann gle ainneamh a gheibhear sonas còmhla ri neach air am bheil an tinneas so, agus bha làn aobhar aig a mhnaoi-uasail so air a bhi taingeil do K. D. C. air son a fear-pòsda a thoirt o bhi cho crosda ri mathan gu bhi ’na dhuine caoimhneil, gradhach. K. K. C. air son na stamaig, agus K. D. C. Pills air son a chuim. Cuirear sampuill ugad a nasguidh. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia—agus—127 State St., Boston, Mass. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 302] [Vol. 5. No. 39. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 299.) sear na dùthcha, ’s an glacadh. ’S mar a bha e ’g an toirt uatha lion aon ’us aon bha e ’g an leagadh gu talamh, chum ’s nach deanadh iad dion do ’n nàmhaid aig àm sam bith ’an déigh sud. Bha cuid de na daingnichean bu ro threis’ a bh’ ann mar bha caisteal Dhunéidin ’us Linlithgo, &c., air an glacadh le seòltachd. Ach cha do dhi-chuimhnich rìgh Raibeart an tàir ’s an dragh a chuir Iain Lathairn air roimhe sud. An déigh cumhachd nan Coimineach, a bha ’cogadh air taobh nan Sasunnach, a bhriseadh, le mòran diubh a chur gu bàs leis a’ cheann a chur dhiubh, ’s an adhlacadh ’an aon uaigh, ris an abrar, “Uaigh nan Coimineach gun cheann,” chuir e mu ’n cuairt gu tighinn air Iain Lathairn. ’N uair a chual Iain gu ’n robh an rìgh a’ tighinn ’n a aghaidh air cheann feachd lionmhoir, rinn e ullachadh air son a choinneachadh mar a b’ fhearr a dh’ fheudadh e. Ghabh e sealbh air bealach cumhang, eadar bonn beinn Cruachan ’s a’ bheinn eile ’s faisg oirre. Bha ’m bealach so co cumhang ’s nach faigheadh ach tearc de dhaoine còmhladh ann, ’s am fearann ro àrd, cas air gach taobh dheth. Ach fhuair am Brusach a mach nàdur an òrduigh a bha ’n so, ’s tharruing e buidheann de ’chuid daoine fa chomhair a’ bhealaich ud, ’s chuir e leth eile na h-armailt, fo chomannd’ an Dùghlasaich, timchioll na beinne gu tighinn air saighdeiribh Iain Lathairn, o’n cùlaobh. ’N uair a rinn an Dùghlasach suaicheantas ris an rìgh gu ’n robh e air tighinn gu ionad tharruing lann, ghabh e ’n sin air aghart gu slighe dheanamh troimh’ an nàmhaid. ’N uair a dh’ aìthnich na h-Earghaelich gu ’n robh iad eadar dhà theine, ’s gu ’n dol as ann, chaill iad am misneachd ’s an òrdugh, ’s chaidh an cur gu bàs le àr mòr. Bha ’n ceann-cinnidh féin air bord ’an soitheach beag air Loch Odha, ’s ’n uair a chunnaic e mar chaidh an là theich e, ’s fhuair e rian air dol a null a Shasunn. Ghéill athair Iain, ’s an teaghlach uile, do ùghdarras an rìgh; ach thug e uatha mòran creiche, ’s mòran fearainn, a bhuilich e air mac a pheathar, Sir Cailean Caimbeul. Tha e aig sliochd an duine sin, a tha ’n an teaghlach ainmeil ’s an tìr, gus an la ’n diugh.—Eachdraidh na h-Alba. A Ghailig am Baile Ghlascho. Tha a’ Ghàilig na ’s beothaile ann am baile-mor Ghlascho na tha i ann an ceannabhaile na Gaidhealtachd. Tha moran Ghaidheal a’ fuireach ann, agus tha iad a’ cumail air chuimhne cainnt agus cleachdaidhean an sinnsir gu duineil. Tha Comunn Gàilig aca, agus cho fad ’s is fiosrach sinne, is Comunn Gàilig e, ’s cha ’n e comunn a tha air ainmeachadh air a Ghàilig, agus nach eil a deanamh ach gle bheag as a leith. Tha mar an ceudna class Gàilig aca na h-uile geamhradh an co-cheangal ris an Ard-sgoil. Bha a’ choinneamh bhliadhnail aig a chlass sin air oidhche Di-haoine, an coigeamh latha dhe ’n Mhàrt. Bha Mr. Donnachadh Reid, F. S. L. A., fear-teagaisg a chlass, ’na cheann-suidhe air a choinneimh so, agus dh’ fhosgail e i le òraid ghoirid an Gàilig mar a leanas:— “A chàirdean Gaidhealach, ’s ann le fior thoilinntinn a tha mi ’gabhail na cathrach aon uair eile air coinneimh bhliadhnail na Ceilidh ’s na Sgoil Gàidhlig; agus tha mi ro thoilichte ’bhi faicinn àireamh cho mhor de ’m luchd-dùthcha a làthair air an fheasgar so. Tha sibhse nach ’eil ceangailte ris an Sgoil Ghàidhlig, na ris a’ Cheilidh, a taisbeanadh le ur lathaireachd anns an ionad so an nochd, gu ’m bheil bàigh agus spéis agaibh do na h-aobharan sin; agus tha sibh, mar sin, a’ toirt misnich dhuinn ar n-oidhirpean a mheudachadh as leth na Gàidhlig. Anns na h-oidhirpean a tha sinn a’ cleachdainn, bho àm gu h-àm, tha feum againn air cuideachadh agus misneachd, agus tha mi toilichte gur urrainn mi ’ràdh, gu’n d’ fhuair sinn sin, ann an tomhas mòr anns an àm a chaidh seachad; agus tha ’n Sgoil Ghàidhlig agus a’ Cheilidh fo chomain nan càirdean caoimhneil sin a thairg agus a thug an cuideachadh dhuinn gu fialaidh. Tha a nis còrr agus deich bliadhna bho ’n chaidh an Sgoil Ghàidhlig a steidheachadh ann an Ard-sgoil a’ bhaile so, agus mar tha fios agaibh, bha i fo m’ riaghladh ré na h-ùine sin. Mar sin, tha mi comasach a ràdh—gun a bhi ’g agairt do m’ sgoilearan no dhomh fhein urram sam bith—gu ’m bheil an Sgoil Ghàidhlig feumail agus buannachdail air iomadh doigh, agus gur airidh teagasg na Gàidhlig a bhi air a chur air bonn na ’s farsuinge ’s na ’s diongmhalta anns a’ bhaile so na tha e. Bliadhna an deigh bliadhna, tha àireamh mhòr de mhinisteirean òga air an cur a mach o àrd-thigh-foghluim a’ bhaile so a chum an soisgeul a shearmonachadh ann an sgireachdan Gaidhealach agus ann an cànain a’ Ghaidheil; ach a chum ’s gu ’m bi iad fiosrach, comasach, agus ealanta anns a’ chànain sin, cha’n ’eil an oidhirp a’s lugha air a’ cleachdainn. Is cinnteach leam gu ’m bheil e feumail dhaibhsan, agus mar fhiachadh orrasan a tha dùil aca an teachd-an-tir a chosnadh trid searmonachadh na Gàidhlig, iad féin a dheanadh eolach agus fileanta anns a’ chànain sin. Ann an dreuchdan ’s ann an ceairdean eile tha e mar fhiachadh air an luchd-ionnsachaidh gu ’n dean iad-fein eolach anns gach puing a buineas do ’n dreuchd a roghnaich iad; ach airson seirbhis na h-eaglaise Gàidhlig, cha ’n ’eil e air a mheas feumail gu ’m bi na daoine òga air an teagasg ann an cànain, no ann an litreachas na Gaidhealtachd. Ma dh’ fhaoidhte gu ’m faod cuid a radh nach ’eil e iomchuidh dhomhsa—mar fhear-teagasg na Gàidhlig—mo ghuth a thogail mu ’n chuis so, ach cha ’n ’eil mi fhein a’ smaointeachadh gur coir glais-bheòil a chur orm, a chion ’s gu ’m bheil mi teagasg na Gàidhlig. Tha mi ’faicinn gu ’m bheil creuchd an sin a tha feumal air a leigheas, agus tha mi fiosrach gu ’m bheil mòran de ’m luchd dùthcha de ’n bheachd cheudna. Tha fios againn gu ’m bheil mòran air an là an diugh, cho mhath ’s anns na laithean a dh’ fhalbh, a chuireadh glais-ghuib air gach neach a thogas a ghuth as leth na Gàidhlig agus na Gàidhealtachd, na ’m faodadh iad, ach cho fad ’s a bhitheas comas na teanga againn, togamaidh ar guth gu fuaimeach, farumach airson còirichean nan Gaidheal, ’s na Gaidhealtachd.” An deigh sin lean e roimhe ann am Beurla, a toirt iomraidh air an obair a bha ’n class a’ deanamh, agus air na h-oidhirpean a bhatar a’ deanamh leis na Gaidheil anns gach cearna de ’n rioghachd air son leas na Gàilig. Thog e a ghuth gu làidir an aghaidh na feadhnach a tha ’g radh gu ’m biodh an Gàidheal moran na b’ fhearr dheth na ’n leigeadh e a chainnt féin air diochuimhn’, agus gu ’m biodh e labhairt na h-aon chainnt ris na Goill. Bha Mr. Reid dhe ’n bharail nach ann na b’ fhearr dheth ach moran na bu mhiosa a bhiodh an Gàidheal na ’n deanadh e sin, agus chriochnaich e le earail a thoirt air na Gàidheil a bhi dileas da ’n cànain, agus fheuchainn ri nochdadh nach robh i am measg nan nithean a bha ullamh gus a dhol á sealladh, ach na ni feumail, air nach fhaodte dearmad a dheanamh. Bha àireamh leabhraichean air an toirt seachad mar dhuaisean dhaibhsan a choisinn iad le adhartas math a dheanamh ann an ionnsachadh na Gàilig, agus an deigh sin bha co-sheirm ghasd’ aca anns an robh òrain Ghailig us Bheurl’ air an seinn. An co-cheangal ris a Chlas Ghàilig, tha Céilidh air a cumail suas oidhche ’san t-seachdain fad a gheamhraidh, aig am bi òrain air an seinn, sgeulachdan air an aithris, òraidean air an liubhairt, agus còmhrach agus deasboireachd air an cumail air adhart, gu h-iomlan ann an Gàilig. Tha còrr us ceithir fichead ’na ’m buill de ’n Chéilidh, agus tha iad gle fhritheilteach air a bhi aice na h-uile h-oidhche. AN COMUNN GAILIG. Bha an dinneir bhliadhnail aig a’ Chomunn Ghàilig oidhche Dior-daoin an t-aonamh latha deug dhe ’n Mhart, an t-Oilear D. Caimbeul Black ’na cheann-suidhe. Bha moran dheochan-slàinte air an òl, agus bha ’chuid bu mhò de na h-òraidean ann an Gàilig. Am measg fheadhain eile, bha deochan air an òl air slàinte na “Ban-righ’nn, ’s an Teaghlaich Rioghail,” “An t-arm,” “Na Gaidheil aig an tigh is thairis,” agus “Litreachas nan Gàidheal.” An co-cheangal rithe so, labhair Mr. D. Mac-a-Phi mar a leanas:— “A chinn-shuidhe agus a dhaoin-uaisle, a mhuinntir Comunn Gailig Glascho, is mor an t-uallach agus an onair a chuir sibh ormsa an nochd le bhi tabhairt cuireadh dhomh beagan a labhairt ’n ur n-eisdeachd air “Litreachas nan Gaidheal.” B’ fhearr leam gun do roghnaich sibh neach eigin eile na b’ ealanta agus na bu chumhachdaiche ann am briathraibh na mise, a chum ceartas a dheanamh ris a phuing so. Tha mi ’n dochas nach measar na dhànadas dhomh an ni so a ghabhail as laimhe; ach geallaidh mi nach cum mi fada sibh. Feuchaidh mi mo dhichioll a dheanamh, agus cha ’n iarrar air duine dona an còrr. Ged a b’ fhurasda dhuibh ball eile do ’n Chomunn fhaotainn, a chuireadh “Litreachas nan Gaidheal” na bu shoilleire, na bu tailnich’ air iomadh seol fo comhair, their mi gun amharus uaill, gu ’m bitheadh e doirbh air a’ Chomunn duine eile a thaghadh aig a bheil barrachd spéis agus theas-ghràdh do gach ni a bhuineas do [TD 303] [Vol. 5. No. 39. p. 7] na Gaidheil, na mise. ’Nuair a sheallas mi mu’n cuairt an diugh, agus a leubhas mi anns na paipearan naigheachd na h-oidhirpean a tha fior Ghaidheil, agus daoine foghlumte eile a deanabh a chum na Gailig, agus a’ Litreachas a chumail beo, saolaidh mi gu ’m bheil seòrsa do dh’ uaill ag éiridh nam chridhe. Feumaidh sinn aideachadh nach do ghabh air sinnseir an t-saothair bu chòir dhaibh, a chum an litreachas so a chlo-bhualadh; agus uime sin chaidh moran do dh’fhior-bhardachd, seanachas, agus sgeulachd air chall. Ge do tha sinn uile duilich air son an dearmaid so, tha sìnn taingeal gum bheil dùsgadh nar measg anns an latha ’n diugh mu thimchioll an litreachas so, a tha moran am meas gle luachmhor air iomadh dòigh. Tha daoine foghlumte an diugh anns gach ceàrn—daoine a tha ionsaichte ann a bhi geur-bheachdachadh air focail, ciamar a dh’ fhas iad agus gu de am bonn bho n’ d’ thainig iad—daoine ris an abair sinn anns a’ Bheurla “Philogists;” tha iad sin a tionndadh an inntinn ris a’ Ghailig agus litreachas nan Gaidheal, do bhrigh gun do thuig fa dheireadh gu m’ bitheadh na bu ghlice agus na bu ghéire anns an ìonnsachadh so. Cha chluinn thu ’n diugh duine foghlumte a’s fhiach, a cuir sios air a’ Ghailig. Gun teagamh tha gàrlaich an siod ’s an so, agus is duilich leam a ràdh, beagan Ghaidheal nam measg—a feuchainn tarchuis a chuir air a chànain mhilis, bhlasda, a bhruidhinn sinn an toiseach aig glun air màthair. Ach mar a thubhairt mi cheana mar tha? Cha’n ’eil teagamh sam bi nach eil dùsgadh mu thimchioll Litreachas nan Gaidheal ann air duthaich fein agus an an cearnaibh eile do t saoghal. Agus ged nach urainn sìnn a ràdh ann an ceartas gum bheil an litreachas so, cosmhuil ri moran do litreachas nan Sasunnaich ann an beachdan ard agus farsuing, mar a gheibhear ann an Shakespeare, Milton, agus Wordsworth, gidheadh tha litreachas nan Gaidheal ann an seadh eile cho bòidheach, cho milis, agus cho teò-chridheach ri moran do ’n chuid a’s fhear a chaidh a chuir ri cheile leis na Sasunnaich. Tha seo soilleir ’nuair a smuainicheas sinn air obair nan seana bhàird, am measg moran eile Mac-Mhaighstir Alastair, Dunnachadh Bàn, agus Uilleam Ros. Ged nach robh cuid dhiu seo ionnsuichte mar bha Baird Shasuinn gidheadh bha iad ann an dlùth chompanais ri spiorad naduir mar a tha i ri ’faicinn anns na cnuic, na h-uillt, an fhairge, fluraichean na talmhainn, agus mar an ceudna aigne dhaoine. Agus cha chòir duinn dearmad a dheanamh air baird an latha ’n diugh, oir co a chuireamaid air thoiseach air mo charaid Niall Macleoid—Righ nam baird a tha againn anns an linn so. Ach tha eagal oirm gu ’n sgithich mi sibh le a bhi labhairt tuille. Gidheadh leigibh dhomh impidh a chur air gach Gaidheal a bhi measail air litreachas a dhuthaich agus a shinnseir, agus spairn a dheanamh a chum agus gum bi a chuid a’s fheàrr dhi air a clò-bhualadh, chum agus gu ’m faic an nàmhaid gum bheil litreachas again a’s fhiach a chumail beò. Leigeabh leam freumh do fhine uasal—Sgiathanach sùnndach, grinn, Alasdair U. MacLeoid, ainmeachadh ann an co-cheangal ris an deoch shlàinte so. A nis a mhuinntir Comunn Gailig Ghlaschu lionadh gach mac mathar a chuach ghloinne le stugh uasal na Gaidhealtachd, agus oladh e beatha agus saoghal fada agus cumhachd mor do “Litreachas nan Gaidheal.” Fhreagair Mr. Mac Leod ann an òraid ghoirid anns an d’thug e iomradh air cho glan ’sa bha litreachas nan Gaidheal. Cha robh e, ma dh’fhaoidte cho pailte ’s bu mhath leinn e bhith, ach na bh’ann dheth, bha e math. Bha òraidean eile air a liubhairt air nach urrainn duinn iomradh a thoirt aig an àm so; ach saoilidh sinn gu’n tuig ar luchd-leughaidh o na thug sinn seachad, gu bheil na Gaidheil agus a’ Ghaàilig gu math beo ann an Glascho, agus gu ma fada mar sin iad! Tha còrr us 1,400,000,000 sluaigh air an t-saoghal, agus tha 35,214,000 a’ bàsachadh gach bliadhna; tha sin 96,480 gach latha; 4,020 gach uair; agus 67 ’s gach mionaid. Air an làimh eile tha 36,792,000 air am breith na h-uile bliadhna; 100,800 gach latha; 4,200 gach uair; agus 70 gach mionaid. Tha mar sin 1,578,000 a dol ri àireamh sluagh an t-saoghail gach bliadhna, naodh fichead a h-uile h-uair. Air do Chalum beag a bhi ’g éiridh, sheall e mach air an uinneig agus chunnaic e ’ghealach ’san adhar, rud nach fhac’ e riamh roimhe air an latha. Thainig e nuas an staidhir a’ gàireachdaich. “O mhamaidh,” ars esan, “seall sibhse ’n rud a rinn iad; dh’ fhàg iad a ghealach a muigh.” Chaidh Eirionnach uaìr a cheangal ris an t-sith. B’ fheudar dha mionnachadh gu ’m biodh e aig sith ris gach aon de dh’ iochdarain na Ban-righ’nn fad bliadhna. “Ach,” arsa Pat, an deigh dha a chùirt fhàgail, “gu ’n cuidicheadh am freasdal leis a cheud choigreach air an tachair mi!” Iadsan a ghabhas orra fhéin nach eil iad a’ creidsinn gu bheil a leithid a dh’ àite ’s ifrinn ann, ’siad as àirde guth ag ùrnuigh ’nuair a bhios iad ann an cunnart bàis. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co Mai 4.; ’95 [TD 304] [Vol. 5. No. 39. p. 8] Oran nam Fineachan Gaelach. LE IAIN DUBH MAC IAIN ’IC AILEIN. ’S i so ’n aimsir a dhearbhar An targanach dhuinn, ’S bras meamnach fir Alba Fo ’n armaibh air thus; ’N uair dh’ éireas gach treun-laoch Nan éideadh glan ùr, Le run feirg’ agus gairge Gu seirbhis a chruin. Theid mathaibh na Gaeltachd Gle shanntach sa chuis, ’S gur lionmhor each seang-mhear A dhamhsas le sunnd, Bi’dh Sasunnaich caillte Gun taing dhaibh ga chionn, Bi’dh na Frangaich nan campaibh Gle theann air an cul. ’N uair dh’ éireas Clann-Domhnuill Na leoghainn tha garg, Na beo-bheithir, mhor-leathunn, Chonnspunnaich, gharbh, Luchd sheasamh na corach Dh’an ordugh lamh-dhearg, Mo dhoigh gu ’m bu ghorach Dhaibh toiseachadh oirbh. Tha Rothaich a’s Rosaich, Gle dheonach teachd ’nar ceann, Barraich an treas seorsa, Tha chomhnaidh measg Ghall; Clann Donachaidh cha bhreug so Gun eireadh libh ’s gach am, Mar sin is clann Reabhair Fir ghleusta, nach éisd gu ’n bhi annt. ’S iad Clann-an-Nab an seorsa A théid boidheach nan triall, ’S glan comhdach nan comhlainn Luchd leonadh nam fiadh; Iad féin a’s Clann-Pharlain Dream àrdanach, dian, ’S ann a b’ àbhaist gu ’n àireamh Bhi ’m fabhar Shiol Chuinn. Na Leodaich am por glan Cha b’ fholach ’ur siol, Dream rioghail gun fhotus Nan gorsaid, ’s nan sgiath, Gur neartmhor, ro-eolach ’Ur n-oig-fhir, ’s ’ur liath, Gur e cruadal ’ur dualchas A dh’ fhuasgail sibh riamh. Clann Fhiomnghuinn o’n Chréithich Fir ghle ghlan gu’n smur, Luchd nan cuilbheirean gleusda ’Nam feuma nach diult; Thig Niallaich th’ air saile Air bharcaibh nan sugh, Le ’n cabhlach luath lan-mhor O Bhàghan nan tur. Clànn-Illean o’n Dreollaiann Theid sunndach san ruaig Dream a chlosadh aineart, Gun taing choisinn buaidh; Dream rioghail do-chiosaicht. Nach striochda do ’n t-sluagh, ’S iomadh mile deas, direach, Bheir inntinn dhuibh suas. Gur guineach na Duimhnich ’N am bhriseadh cheann, Bi’dh cnuachdan gan spuachdadh Le cruadal ’ur lann, Dream uasal ro uaimhreach, Bu dual bhi san Fhraing, ’S ann o Dhiarmad a shiolaich Por lionmhor nach gann. Tha Stiubhartaich ur ghlan Nam fiurain gun ghiomh. Fir shunndach nan lu-chleas Nach tionndaidh le fiamh, Nach gabh curam roi mhuiseag Cha b’ fhiu leo bhi crion, Chu ba shugradh do dhu-ghall Cuis a bhuin dhibh. Gur lionmhor lamh theoma Aig Eoghann Loch-iall, Fir cholganda, bhorganda, ’S oirdheirce gniomh, “Iad mar thuilbheum air chorra-ghleus ’S air chon-fhadh ro dhian ’S i mo dhuilse ’n am rusgadh Nach diult sibh dol sios. Clann-Mhuirich nech soradh A chonspairn ud ial, Dream fhuilteach gun mhor-chuis Dha’n coir a bhi fial, Gur gaisgeil fior-sheolta, Ar mor thionail chiad, Ni sibh spoltadh air feolach A stroiceadh fo ’n ian, Tha Granndaich mar b’ abhaist Mu bhraidh uisge Spe, Fir laidir ro-dhaicheil “Theid dan anns an streup, Nach iarr cairdeas no fabhar Air namhaid fo’n ghrein, ’S i n-ur làmhach a dh’ fhàgas Fuil bhlàth air an fheur. Tha Frisealaich ainmeil Aig seanachaibh nan crioch, Fir gharbha ro chalma, ’Ur fearg cha bu shi; Tha Catanaich foirmeìl Si ’n armachd am miann, ’An cath gairbheach le ’r n-armaibh A dhearbh sibh ’ur gniomh. Clann-Choinnich o thuath dhuinn Luchd bhuannachd gach cis; Gur fuasgailteàch, luath-lamhach ’Ur n-uaislean san stri; Gur lionmhor ’ur tuadh-cheathairn Le ’m buailtibh de nì; Thig sluagh dumhail gu’n chunnta A dùthaich Mhic-Aoidh. Nis o chuimhnich mi m’ iomrall, ’S fàth iunntraichinn iad, Fir chunnabhalach chumaite, Ni cuimse le ’n laimh, Nach dean iomluas mu aona-chuis Chionn iunntais gu bràth, Gur muirneach ri ’n iomradh Clann-Fhiunnlaidh Bhrài’-bhàrr. Thig Gòrdanaich, ’s Greumaich, Grad gleusd as gach tìr, An cogadh rìgh Tearlach Gum b’ fheumail dha sibh; Griogaraich nan geur-lann Dream speiseil nam pios, Air leam gum bi ’n eucoir ’Nuair dh’ éighte sibh sios. Sìosalaich nan geur-lann Theid treun air chùl arm, An Albainn ’s an Eirinn B’ e ’ur beus a bhi gàrg, An àm dol a bhualadh B’ e ’n cruadal ’ur calg, Bu ghuineach ur beuman ’N uair dh’ éireadh ’ur fearg. Nam biodh gach curaidh treun-mhor Le chéile san àm, Iad air aon inntinn dhìrich Gun fhiaradh, gun chàm, Iad cho cinnteach ri aon fhearr, ’S iad tìtheach air geall, Dh’ aindeoin mùiseag nan dù-Ghall, Thig cùis thar an ceann. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 305] [Vol. 5. No. 40. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 10, 1897. No 40. Turus Ruairidh Mhoir Do Glaschu. LE IAIN MAC CORMIG. Bha mi ’g innseadh dhuit gu ’n deachaidh Ruairidh mor agus Seònaid a bhean, sgriob do Glaschu, agus gheall mi innseadh dhuit ciamar a rachadh dhaibh, ’nuair a thilleadh iad. Co thachair orm an latha roimhe ach Ruairidh agus dh’ fheòraich mi fhein dheth ciamar a fhuair e air aghaidh anns a bhaile mhor, agus ciod a bharail air Glaschu. So agad an fhreagairt a fhuair mi. “Mo bharail air Glaschu, a bharail a bh’ aig a bhroc air a ladhran—barail bhocd. Siud agad an t-àite anns am feum thu do shùilean ’s do chlusan—mhealladh iad an t-ubh bho ’n eun.” “An e gu ’n d fheuch iad ri d’ robadh?” thuirt mi fhein. “Mar d’ fheuch iad ri m’ robadh dh’ fheuch iad ri m’ charadh,” fhreagair Ruairidh. “Seadh a Ruairidh” fhreagair ’nise—“ciamar a thachair dhuit?” “Ma ta, chuir mi romham a chiad uair a chithinn sibh gu ’n innsinn dhuibh mar a chaidh dhomh, agus so agaibh e facal air an fhacal. Tuigidh sibh gu ’n robh Seonaid leam. Dh’ fhàg i bhò bhreac ’s na cearcan air cùram bean Iain Bhain mar tha fhios agaibh. Bha mi fhéin agus Seonaid aòn fheasgar Sathurn a gabhail sràid agus smaointich sinn gun ceannaicheadh mid rud beag no dhà a bha dhith òirnn—tombaca, snàth, “tea,” dubhain, agus rud no dhà eile—agus direach ’nuair bha sinn faisg air a’ ‘Ghushet house,” de sam bith de n taigh tha s n—rug Seonaid air sgirb a chota mhoir agam, “Bheil thu faicinn sud a Ruairidh?” arsa ise, ’si cocadh a coraig ri taobh eile na sraide. “Cha chualas riamh a leithid so, siucar a’ nasgaidh!” “Gu de tha thu ’gràdh,” arsa mise ’s mi tabhairt a mach an speuclair oir bha mi ’m barail gu’n robh a leirsinn a mealladh Seonaid. Ach a mhic chridhe ’nuair a sheall mi null, ged nach robh anns an speuclair mhor ach an aon suil, chunnaic mi gu soilleir gu robh “Sugar for nothing” sgriobht ann an litrichean mora dearg’ air breid fada geal anns a robh urad shlàt, tha mi’n duil gu ’n deanadh e seòl do sgoth dhuibh an tailleir. “A Sheònaid,” arsa mise, “cha do dhiùlt mi riamh prìs a phàidheadh air ni ’sam bith a bhiodh a dhìth orm, ach ’nuair a thathar ’ga reic an nasgaidh s mairg a thairgeadh pàidheadh. Theid mise ’staigh agus gheibh mi ochd puinnd ’s nuair ’thig mi mach theid thusa ’s taigh ’s gheibh thu ochd eile, cha seall sin cho sanntach ’bheil thu faicinn; agus ’s taigh ghabh mi. “Gabhaidh mi och puinnd do’n t-siùcar sin” arsa mise ris an fhear chaol ghlas ’bha taobh-thall a bhuird, agus aodan a cheart cho fad ri faileas a chitheadh sibh ann an cliathach botuil. Ann am priobadh na sul stop e ’m poca siucair anns a’ bhascaid. Thug mi taing mhor dha agus dh’ fhalbh mi. Ach coma leat na co dhiù ’nuair bha mi mach an dorus ghlaodh e as mo dheidh gun do dhi-chuimhnich mi’ ’n “tea.” “Gu de ’n ‘tea’” arsa mise, ’s mi tionndadh air mo shail cho luath ri gille-mirean. “Tha” ars’ esan “da phunnd ‘tea’ daonan a falbh leis an t-siucar,” “Dà phunnd ‘tea,’” arsa mise. “Bheil thu cluinntinn sud a Sheonaid!” “Thug so bàrr air na chula mi riamh.” “Nach ’eil fhios ’ille choir gu’n gabh mi ’n ‘tea,’” agus mu ’n gann a bha ’m facal as mo bheul bha ’n “tea” air n cur ’s a’ bhascaid agus thoinndaidh mi ’dh ’fhalbh, ach mu’n do bhuidhinn mi leac an doruis thug am fear caol glas cruinn-leum a nall thar a’ bhuird a cheart cho sgiobalt ri aon chat a chunnaic sibh riamh a toirt ionnsaidh air luch. “An t-airgiod” ars’ esan ’s e breith air chul amhach orm. “Am bheil thu toirt seachad airgid cuideachd arsa mise?” ’s mi bothar, dall leis an uamhas a chuir e orm. “Cha ’eil ach tha thusa ri airgiod ’thoirt dhomhsa.” “Mise ri airgiod thoirt dhuitse, gu de ’chuir gu bheil agamsa ri airgiod thoirt dhuit?” “Tha air son na ‘tea’” ars’ esan. “Air son na ‘tea,’ nach tuirt thu gu’n robh an ‘tea’ a falbh leis an t-siucar?” “Thuirt.” “Agus,” arsa mise, “nach eil thu toirt seachad an t-siucair an nasgaidh?” “Tha.” “’S car son tha ’n t-airgiod ma ta,” arsa mise, “Tha air son na ‘tea,’” ars’ esan ’sa shuilean air lasadh le feirg “Thig a ’staigh ann an so gus’ am bruithinn mise riut,” arsa mi fhein ’s mi ga tharruing a leth taobh. “Nis,” arsa mise, “eisd gus am bruithinn mi, agus toisichidh mi direach aig an toiseach. Nach ’eil thu ’g radh gum bheil thu toirt seachad siucar an nasgaidh.” “Tha.” “Ceart gu leoir a charaid.” “’S nach d’ thuirt thu rium gu soillear gu’n robh an ‘tea’ a dol leis an t-siucar.” “Ach tha thu ri paidheadh air son na ‘tea,’” ars’ esan. “Thud! thud!” arsa mise, “nach bi thu samhach, gus am bruithinn mi. Am feum mi toiseachadh a rithist. Eisd a nis agus toisichidh mi ’sa cheann eile ’n drasd. ’Nuair bha mise dol a mach an dorus toilichte gu leoir leis an t-siucar s gu’n mi ’g iarraidh do chuid ‘tea,” nach ’eil cuimhne agad gun do ghlaodh thu as mo dheidh gun robh dà phunnd ‘tea’ a dol leis an t-siucar?” “Tha” “’S nach ’eil thu toirt seachad an t-siucair an nasgaidh?” “Tha.” “Agus,” arsa mise, “am bi thu cho math agus innseadh dhomh car son tha’n t-airgiod ma ta? Gu de their thu riut fhein a nis cha’n ann air son na’s fhiach e, ach cuimhnich ’ille mhath, nach ruig thusa na fear eile leis fiachuinn ris a char thoirt a Ruairidh Mòr.” Agus leis a sin a radh dh’ fhàg mi latha math aig mo charaid am fear glas. Shaoil e gun robh e gleusda ach ’si mo mhor bheachd gum fac e gu’n robh tuille lagha ’sa bhoineid ghuirm aig Ruairidh Mor na bha duil aige. Sin agabh a nis mar dh’eirich dhomhsa. Nach math a thug mi mi-fhein as?—Highland News. Padruig a ’Togail Taighe. Bha Padruig uair a ’togail taighe, agus aireamh de dhaoinibh aige, sia no seachd deug de dhaoine foghainteach; bha clach mhòr an sin nach robh an t-iomlan de na bha an lathair nan-urrainn a chur ceart ’san taigh. “Nan d’thugadh sibh domhsa” ars Oisean ri Padruig, “biadh na sia fear deug chuirinn a ’chlach ceart am aonar.” Ma ta gheibh thu sìn” ars Padruig “agus is math an airidh air thu.” Fhuair Oisean biadh chòig fear deug, chum a nighean biadh fir as. Dh’ith Oisean na fhuair e, agus dh’ aithnich e gu’n do chumadh cuid deth. Dh’ eirich e agus chairich e a’chlach, ach dh’fhag e aomadh oirre mach as a bhalla. Thuirt iad ris nach robh a’ chlach ceart fathast. “Tha fios agam,” ars e, “ach mar tha, bithidh i uamsa; nam faighinn biadh na sia fear deug, chuirinn a’chlach ceart, ach a nis tha i an sin agaibh, agus deanaibh fein a caradh ma is aill leibh.” Bha a’ chlach ri fhaicinn ann an Gleann Canoir, gus o chionn da bhliadhna, bha clachairean a’ togail pairce agus bhris iad a’chlach sios na bleithibh le h-ord.—Leabhar na Feinne. Cha ’n eil latha de ’n t-seachdain nach eil air a chur air leith air son aoraidh le aon chinneach no cinneach eile air feadh an t-saoghail. Tha Di-dònaich no la na Sàbaid ’na la aoraidh aig na Criosduidhean, (Caitliceach us Protstanach), Di-luain aig na Greugaich, Di-màirt aig na Persianaich, Di-ciaduin aig na h-Asirianaich, Dior-daoin aig na h-Eipheitich, Di-haoine aig na Turcaich, agus Di-sathairne aig na h-Iudhaich. [TD 306] [Vol. 5. No. 40. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. V.—EACHDRAIDH AS IASGAIR. B’e m’ athair Righ nan Eileanan Dubha. Fhuair an rioghachd an t-ainm so o na ceithir beanntanan beaga a tha faisg air a’ chaisteal so. B’e eileanan a bh’ anns na beanntan so an toiseach, agus bha ceannabhaile na rioghachd far am bheil an lochan a chunnaic thu. Gheibh thu fios anns na bheil agam ri’ innseadh air mar a thainig cuisean gu bhith mar a tha iad. Dh’ eug m’ athair an uair a bha e mu thri fichead bliadhna ’s a’ deich a dh’ aois. Thoisich mise air rioghachadh an deigh a bhais. Cha robh mi fada ’nam righ an uair a phos mi nighean bhrathar m’ athar. Bha h-uile aobhar agam air a bhith ’smaointean gu ’n robh gaol gu leor aice orm; agus air mo shon fhein dheth, bha tlachd anabarrach agam dhi. Bha sinn fad choig bliadhna cho miadhail ’s cho measail air a cheile ri dithis a bha beo. Aig ceann na h-uine so thuig mi nach robh meas sam bith aicese orm. Air latha araidh, am feadh ’s a bha ise anns an taigh-fharagaidh, thainig an cadal orm an deis dhomh mo dhinneir a ghabhail, agus leig mi mi-fhein ’nam shineadh air langsaid. Bha dithis de na mnathan-coimhideach aicese anns an t-seomar, agus an uair a shaoil iad gu ’n robh mi air tuiteam ’nam chadal, shuidh te dhiubh aig mo cheann, agus an te eile eig mo chasan, agus leis a’ ghuite a bha ’n laimh gach te dhiubh, bha iad a’ toirt fionnarachd dhomh, agus a’ cumail uam nan cuileag. An uair a shaoil iad gu ’n robh mi air tuiteam ann an cadal trom, thoisich iad ri bruidhinn gu beag ri ’cheile. Ach ged a bha mo shuilean duinte, cha robh mi ’nam chadal idir, agus chuala mi a h-uile facal a thubhairt iad. Thuirt te dhiubh, “Nach mi-chiatach an gnothach do ’n bhan-righ a bhith cho suarach mu ’n righ ’s a tha i, agus e ’na dhuine cho tlachdmhor anns gach doigh?” “Gu dearbh is eadh,” ars’ an te eile. “Air mo shon fhein dheth, cha ’n ’eil mi idir a tuigsinn ciod is ciall do ’n obair a th’ aice. Cha ’n ’eil fhios agam c’ar son a tha i ’falbh am mach a h-uile oidhche, agus ’g a fhagailsan ’na onar! An urrainn e bhith nach ’eil fhios aige air?” “Ochan! cia mar a b’ urrainn da fios a bhith aig’ air? Tha i ’toirt deoch-chadail dha a h-uile h-oidhche, agus caidlidh e cho trom ris a’ chloich gu madainn. An uair a chaidleas e, faodaidh ise a dhol taobh sam bith a thogras i. Ann an soilleireachadh an latha tha i tighinn dachaidh agus a laidhe comhladh ris, agus tha i ’g a dhusgadh le faileadh rud eiginn a tha i ’cur ri ’shroin,” ars’ a’ cheud te a labhair. Mo thighearna, faodaidh tu ’thuigsinn gu ’n do chuir an comhradh so ioghnadh anabarrach orm, agus gu ’n do’n chuir e gu mor gu smaointean mi. Ach ged a chuir e dragh mor orm, cha do leig mi orm gu ’n cuala mi aon fhacal de na labhair iad ri’ cheile. An ceann beagan ùine thoisich mi ri gluasad mar gu ’m bithinn air dusgadh a cadal trom, agus dh’ eirich mi bhar na langsaid. An uair a thainig a’ bhan-righ dhachaidh as an taigh-fharagaidh, ghabh sinn ar suipeir, agus mu ’n deachaidh sinn a laidhe thug i dhomh, mar a b’ abhaist dhi, lan cupa de dheoch a rinn i fhein dhomh; ach an aite an deoch’ ol, thilg mi gun fhios dhi na bh’ anns a’ chupa am mach air an uinneig, agus thug mi dhi an cupa air ais. Chaidh sinn a laidhe comhladh, agus ann an ceann beagan uine, air dhise saoilsinn gu ’n robh mi ’nam chadal, dh’ eirich i, agus chuir i uimpe. Mu ’n deachaidh i am mach as an t-seomar thuirt i, “Caidil, agus na bu tig an latha ’dhuisgeas tu!” Cho luma luath ’s a chaidh i am mach as an t-seomar ghrad dh’ eirich mi, agus chuir mi uman cho cabhagach ’s a rinn mi riamh. Thug mi leam claidheamh agus lean mi i cho luath ’s a b’ urrainn domh. An uair a thainig mi cho dluth dhi ’s gu ’n robh mi’ ’cluinntinn fuaim a cas, rinn mi air mo shocair, agus choisich mi ’n a deigh cho failidh ’s a b’ urrainn domh air eagal gu ’n cluinneadh i mi. Chaidh i steach air caochladh dhorsan, a dh’ fhosgail dhi leotha fhein, an uair a labhair i facal dhraoidheachd. Mu dheireadh dh’ fhosgail dorus a’ gharaidh, agus chaidh i steach. Stad mi tiotadh aig an dorus air eagal gu’m faiceadh i mi an uair a bha i ’coiseachd tarsuinn air an reidhlein, agus bha mi cumail suil oirre cho math ’s a leigeadh an dorchadas leam, gus am facadh mi gu ’n deachaidh i steach do bhad beag de choille iosail, far an robh rathad caol le callaid air gach taobh dheth. Chaidh mi dh’ ionnsuidh na coille so air rathad eile, agus sheas mi air cul na callaid feuch ciod a chithinn no ’chluinninn, agus chunnaic mi ise ’s i coiseachd comhladh ri firionnach. Bha mo chluas fosgailte ris a’ chomradh a bh’ eatorra, agus chuala mi ise ag radh ris: “Cha ’n ’eil e ceart dhut a bhith ’cur as mo leith-sa gu ’m bheil mi suarach mu d’ dheidhinn. Tha fhios agad gle mhath gu ’n do dhearbh mi dhut ann an iomadh doigh gu ’m bheil tlachd mhor agam dhiot, agus mur foghainn na dearbhaidhean a thug mi dhut mar tha leat, tha mi deas gu dearbhaidhean a’s mo a thoirt dhut. Cha ’n ’eil agad ach ni sam bith iarraidh orm, agus bheir mi dhut e. Ma’s miann leat e, leagaidh mi am baile mor so agus an luchairt a dh’ ionnsuidh an lair mu ’n eirich a ghrian, agus ni mi madaidh-alluidh is comhachagan is fithich de na h-uile duine beo a th’ ann. Ma’s miann leat e, cuiridh mi a h-uile clach a th’ anns na ballachan laidir so air cul an t-saoghail far nach fhaic duine beo iad.” An uair a chriochnaich a’ bhan-righ na briathran so, bha i fhein ’s a leannan air tighinn gu ceann an rathaid direach air mo bheulaobh. Tharruinn mi ’n claidheamh, agus bhuail mi esan ann an cul na h-amhaich, agus leag mi e. Shaoil mi gu ’n do mharbh mi e, agus air an aobhar sin, thug mi mo chasan as cho luath ’s a bh’ agam. Cha robh toil agam gu ’m faigheadh a’ bhan-righ am mach gur mi a bh’ ann, agus cha bu mho na sin a bha toil agam cron sam bith a dheanamh oirre, o’n a bha i daimheil dhomh. Bheireadh am buille a thug mi dha am bas dha ’s a’ mhionaid, mur b’ e gu ’n do chum ise beo e le draoidheachd. Ach cha robh e ach eadar a bhith marbh ’s a bhith beo. Air mo thilleadh do ’n luchairt, ghabh mi tarsuinn a’ gharaidh, agus chuala mi ise a’ glaodhaich gu muladach. Thuig mi gu ’n robh i fo mhor dhoilghios, agus bha mi toilichte nach do chuir mi gu bas i. An uair a chaidh mi do’n t-seomar-chadail, chaidh mi ’laidhe, agus air dhomh a bhith toilichte gu ’n d’ rinn mi dioghaltas air an duine eucorach a rinn an t-olc orm, thuit mi ’nam chadal. An uair a dhuisg mi ’s a’ mhadainn, bha ’bhan-righ ’na laidhe ri m’ thaobh. Cha ’n urrainn domh a radh co dhiubh a chaidil no nach do chaidil i. Ach dh’ eirich mise gu bog, balbh as an leabaidh, agus chaidh mi do sheomar eile, far an do chuir mi umam m’ aodach. ’N a dheigh sin chaidh mi ’mach a shocrachadh gnothaichean na rioghachd maille ris na comhairlichean. An uair a thill mi steach, thainig a’ bhan-righ far an robh mi ’s i comhdaichte le aodach dubh, agus a falt gun chireadh sgaoilte sios m’ a suilean, agus pairt dheth air a spionadh. “Le’r cead, a righ,” ars’ ise, “na cuireadh e ioghnadh oirbh mise ’fhaicinn anns an t-suidheachadh so. Fhuair mi tri naigheachdan comhladh a chuir fo throm-dhoilghios mi, agus cha ’n ’eil anns a’ chulaidh-bhroin so a chi sibh orm ach comharradh faoin a r an trom-bhron fo ’m bheil mi.” “Mo chreach! ciod e an droch naigheachd a fhuair thu,” arsa mise. “Bas mo mhathar,” ars’ ise; “bas m’ athar, a chaidh a mharbhadh ann an cath, agus bas fir de m’ bhraithrean, a chaidh le creig.” Cha do mhi-chord e rium gu ’n do ghabh i an leith-sgeul so a chum falach a chur air fior-aobhar a broin, agus bha mi ’smaointean nach do ghabh i amhrus gur mi a mharbh a leannan. “A bhean,” arsa mise, “cha ’n ’eil mi ’cur coire sam bith ort air son a bhith fo bhron. Tha mi ag innseadh dhut le firinn, gu ’m bheil bron ormsa mar an ceudna. Bhiodh ioghnadh gu leor orm mur biodh bron ort air son bas dhluth-chairdean. Lean romhad mar a tha thu; is math an comharradh air do nadar a bhith fo bhron. Ach tha mi ’n dochas gu ’n teid do bhron ni ’s lugha ri uine.” Chaidh i d’a seomar fhein, far an do chuir i seachad bliadhna ri bron ’s ri caoidh ’s ri tuiream. An ceann na bliadhna dh’ iarr i cead orm aite-adhlacaidh a thogail dhi fhein [TD 307] [Vol. 5. No. 40. p. 3] aig an luchairt, far an gabhadh i comhnuidh, thuirt i rium, gu latha ’bais. Thug mi cead dhi sin a dheanamh; agus thog i taigh eireachdail, agus mullach cruinn air, a chithear as a so. Thug i Talla nan Deur mar ainm air. An uair a bha e criochnaichte, thug i a leannan as an aite ’s an do chuir i e an oidhche a lot mi e, agus chuir i ann an Talla nan Deur e. Chum i o bhasachadh e le deoch a bha i toirt dha a h-uile latha o’n uair ud. Gidheadh, a dh’ aindeoin a draoidheachd, cha b’ urrainn di an creutair graineil a leigheas. Cha ’n urrainn e coiseachd no e fhein a chuideachadh, agus cha mho a theid aige air facal bruidhne a dheanamh. Cha’n ’eil de choltas air gu ’m bheil beatha ann ach gu ’n amhairc e oirre. Ged nach ’eil de thoileachadh aice ach a bhith ’g a fhaicinn agus a bhith ’labhairt ris mu thimchioll nan nithean faoine a tha ’dusgadh suas ’na h-inntinn thruaillidh fhein, gidheadh, tha i ’dol da uair ’s an latha far am bheil e, agus a’ fuireach greis mhath ’na chuideachd. Tha fhios agamsa air so gle mhath, ged a tha mi ’leigeadh orm nach ’eil. Air latha araidh chaidh mi do Thalla nan Deur a dh’ fhaicinn ciod an obair a bh’ aice; agus air dhomh a dhol a dh’ aite anns nach fhaiceadh i mi, chuala mi i ’bruidhinn ris mar so: “Tha e ’cur doilghios ro mhor orm a bhith ’g ad fhaicinn anns an t suidheachadh so. Tha mi ’tuigsinn cho math riut fhein gu ’m bheil thu ’fulang piantan cruaidhe; ach a luaidh mo chridhe, ged a tha mi an comhnuidh a’ bruidhinn riut, cha ’n ’eil thu ’g am fhreagairt uair sam bith. Cia fhad a leanas tu air a bhith ’nad thosd! Abair aon fhacal rium. Ochan! is e an uine a tha mi ’cur seachad an so ann an co-fhaireachadh ruit ’nad throm-dhoilghios, an uine a’s solasaiche a tha mi ’caitheamh dhe m’ bheatha. Cha ’n urrainn domh a bhith beo mur bi mi dluth dhut, agus b’ fhearr leam a bhith aig gach am maille riut na ged a gheibhinn ionmhas an t-saoghail uile.” Bha i ’caoidh ’s ag ochanaich gu trom an am a bhith ’labhairt nam briathran so ris; agus an uair a bha mi greis mhath ’g a h-eisdeachd ’s i air a’ chaitheamh so gun sgur, cha b’ urrainn domh cumail orm fhein ni b’ fhaide. Thainig mi as an aite ’s an robh mi ’g am fhalach fhein, agus thuirt mi rithe, “A bhoirionnaich gun chiall, tha thu fada gu leor ris an obair sin. Tha thu leis an obair a th’ agad a’ cur eas-urram ort fhein ’s ormsa. Grad sguir dheth. Dhi-chuimhnich thu buileach glan gu ’m bheil thu fo chomain mhoir dhomhsa.” “A dhuine,” ars’ ise, “ma tha caoimhneas no iochd sam bith ’nad chridhe dhomhsa, tha mi ’guidhe ort gu ’n leig thu mo chead fhein dhomh. Leig leam mi fhein a thoirt suas gu buileach do ’n bhron so nach treig mi fhad ’s a bhios mi beo.” An uair a chunnaic mi nach d’ rinn mo chomhairle de dh’ fheum dhi ach a fagail ni bu raige na bha i riamh, leig mi leatha, agus dh’ fhalbh mi. Lean i air a bhith ’dol a h-uile latha fad da bhliadhn’ iomlan far an robh e a chaoidh ’s a thuiream ’s a bhruidhinn ris. Chaidh mi an dara uair do Thalla nan Deur a dh’ fhaicinn na h-obrach a bh’ aice. Dh’ fhalaich mi mi-fhein mar a rinn mi roimhe, agus chuala mi i ag radh ri’ ’leannan: “Tha ’nis tri bliadhna o nach dubhairt thu aon fhacal rium. Ged a tha mi ’labhairt riut ann am briathran gaoil, agus a’ caoidh ’s ag osnaich air do shon, cha ’n ’eil thu ’toirt freagairt sam bith dhomh. An ann o chion faireachaidh no o shuarachas a tha thu ’fuireach samhach? O uaigh! an do lughdaich thu an gradh a bha aige dhomh? An do dhuin thu na suilean a bha ’nochdadh mor ghradh dhomh, agus a bha dhomh mar m’ uile aoibhneas? Cha chreid mi gu ’m bheil ni de ’n t-seorsa fior. Ach innis dhomh ciod am miorbhuil leis am bheil thu ’tasgaidh suas an ionmhais a’s mo a th’ air an t saoghal.” “Mo thighearna, feumaidh mi aideachadh gu ’n do bhrosnaich na briathran so mo nadar gu feirg anabarrach; oir, a dh’ aon fhacal, cha robh anns an duine so air an robh a leithid de mheas aice, ach duine dubh gun mheas gun chliu a rugadh anns na h-Innsean. Tha mi ag radh gu ’n robh mi air mo bhrosnachadh cho mor leis na briathran a labhair i ’s gu n do leum mi am mach as an aite an robh mi am falach, agus gu ’n dubhairt mi, “O uaigh! c’ar son nach ’eil thu ’slugadh suas an da uile-bheisd mhi-nadarra so?” Mu ’n gann a labhair mi na briathran so, dh’ eirich a’ bhan-righ ’na seasamh, agus i comhdaichte ann an aodach dubh, agus thuirt i le feirg, “A dhuine chruaidh-chridhich, is tusa bu cheann-aobhar do mo bhron. Na bi ’smaoineachadh gu ’m bheil e an an-fhios dhomhsa. Chum mi so an cleith tuilleadh is fada. Is i do dhroch lamh-sa a chuir mo roghainn a dh’ fhearaibh an t-saoghail anns an t-suidheachadh bhronach anns am bheil e; agus tha thu cho cruaidh-chridheach ’s gu ’n d’ thainig thu a thoirt tair is masladh dha.” “Tha sin fior gu leor,” arsa mise, “is mi a rinn e gun teagamh; agus is math a b’ airidh a’ bheisd air. Bu choir dhomh a bhith air a’ cheart dhiol a dheanamh ortsa. Tha aithreachas orm a nis nach d’ rinn mi e; oir tha thu ’deanamh mi-fheum de ’n chaoimhneas a nochd mi dhut.” An uair a thuirt mi so, tharruinn mi ’n claidheamh as an truaill, agus thog mi mo lamh gus a marbhadh. Ach sheall i gu dur orm, agus thuirt i ’s i le fanaid a’ deanamh gaire, “Cuir stad air do chorruich.” Aig a’ cheart am labhair i briathran nach do thuig mi, agus ’na dheigh sin thuirt i, “Le cumhachd mo dhraoidheachd, tha mi ag ’ordachadh gu ’m bi an dara leith dhiot anns a’ mhionaid air a thionndadh gu cloich, agus gu ’m bi an leith eile dhiot ’na dhuine. Mo thighearna, anns a’ mhionaid bha mi air mo dheanamh mar a tha thu ’g am fhaicinn an dara leith dhiom ’na chloich, agus an leith eile ’na dhuine.” An deigh dhi mo chruth atharrachadh mar so, thug i do ’n talla so mi. ’Na dheigh sin rinn i lochan de cheanna-bhaile na rioghachd. Is e sin an lochan a chunnaic thu mu ’n d’ thainig thu an so. Is e an t-iasg air am bheil na ceithir dathan, na ceithir seorsachan sluaigh, de chaochladh aidmheilean, a bha ’fuireach anns a’ bhaile. Is iad na h-eisg gheala na Mahomadanaich; is iad na Persianaich, a tha ’deanamh aoraidh do’n teine, na h-eisg dhearga; is iad na Criosduidhean na h-eisg ghorma; ’agus is iad na h-Iudhaich na h-eisg bhuidhe. B’iad na ceithir beanntanan beaga a tha mu ’n cuairt de ’n lochan, na ceithir eileanan o ’n d’ fhuair an rioghachd a h-ainm. Dh’ innis i-fhein dhomh gu ’n d’ rinn i so an deis dhi mo chur anns an aite so, a chum am barrachd dragha ’s trioblaid a chur air m’ inntinn. Ach cha do ghabh i leis a so. Cha ’n fhoghnadh leatha mo chruth fhein atharrachadh, agus mo shluagh ’s mo rioghachd a sgrios, ach a chum an tuilleadh dioghaltais a dheanamh orm, tha i tighinn an so a h-uile latha, agus an deis dhi mo rusgadh, tha i ’toirt dhomh coig fichead buille le cuip eadar an da shlinnein, agus mar so, tha m’ fhuil gu talamh aice a h-uile latha. An uair a ni i an droch dhiol so orm, tha i cur aodach cruaidh, curs, leith ri m’ fheoil bhruite, agus air uachdar sin tha i cur umam an trusgain mhaisich so a chi thu orm, cha ’n ann a chum urram a thoirt dhomh, ach a chum fanaid a dheanamh orm.” An deigh do’n phrionnsa an naigheachd so innseadh do ’n righ, shil e na deoir gu frasach. Chuir an naigheachd a leithid de dhragh air an righ ’s nach b’ urrainn da aon fhacal a radh. Beagan uine ’na dheigh sin, thog am prionnsa a shuilean suas gu neamh, agus thuirt e, “A Chruithfhir mhoir nan uile nithean, tha mi gu h-umhail a’ toirt geill do d’ bhreitheanais, agus do dh’ orduighean do fhreasdail. Tha mi giulan gu foighidneach leis gach deuchainn chruaidh a tha ’tighinn ’nam rathad, o’n is e do thoil-sa ’th’ ann. Tha mi ’n dochas gu ’n toir thu ’nad mhor mhathas duais dhomh.” Bha ’n righ air a bhrosnachadh gu mor leis an naigheachd iongantaich so, agus chuir e roimhe gu ’n deanadh e dioghaltas trom air a’ bhoirionnach eucorach a rinn a leithid a dh’ olc air a’ phrionnsa ’s air a rioghachd. Thuirt e ris a’ phrionnsa, “Innis dhomh c’aite am bheil a’ bhan-draoidh aingidh a’ fuireach, c’aite am bheil an duine graineil ud a tha cho measail aice ’na laidhe?” “Mo thighearna,” ars’ am prionnsa, “mar a dh’ innis mi dhuibh cheana, tha esan ann an Talla nan Deur ’na laidhe ann an seomar anabarrach maiseach air am bheil mullach (Air a leantuinn air taobh 310.) [TD 308] [Vol. 5. No. 40. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, APRIL 10, 1897. Cha ’n urrainn gu robh esan a bh’ ann o shean, agus a thuirt “nach b’ fhàidh esan agus nach bu mhac faidh e” càirdeach dhaibhsan a bhiodh a labhairt as leith luchd-siridh àiteachan-suidhe ’sa phàrlamaid; ma bha b’ ao-coltach e ri muinntir an latha ’n diugh. Cha ’n eil ach gann duine a chluinnear a bruidhinn air an taghadh a tha gu bhi ’sa mhor-roinn so an ceann beagan us seachdain, no paipear a bheir iomradh air, nach eil ullamh gu innse dhuit co tha gu bhi stigh agus co tha gu bhi mach. Tha gach aon diubh ceas mar gu ’m b’ eadh, gus a radh gur a fàidh, no co-dhiu gur mac fàidh esan, agus gu bheil e làn-chomasach air innse roimh ’n àm ciod a tha dol a thachairt ’nuair a theid an luchd-taghaidh dh’ ionnsuidh nan àiteachan-bhotaidh. ’Se ar barail fhein gu ’m biodh e moran na bu chiataiche agus a cheart cho buannachdail dhaibh, taobh air thaobh, sgur dhe ’n cuid fiosachd, agus an àite bhi feuchainn ri toirt air luchd-taghaidh bhòtadh air an taobh le toirt a chreidsinn orra gur e ’n taobh sin a bheir buaidh, feuchainn ri ’n glacadh le dearbhaidhean cinnteach a thoirt daibh gu bheil an taobh leis am bheil iad air son daoine dhol, na ’s fhearr agus na’s toillteannaiche air muinghin an t-sluaigh na tha ’n taobh eile. Air an deicheamh latha dhe ’n Mhàrt, chaidh àireamh de Ghaidheil thapaidh air beulaobh Morair Balfour ann an Lunnuinn, a thagradh càs na Gàilige anns na sgoilean Gàidhealach. Bha an Lighiche Mac-Illiosa air an ceann, agus liubhair e òraid bhriagha, phongail, anns ’n do chuir e fa chomhair a Mhorair an t-ana-ceartas a bha a’ Ghàilig a’ faotainn anns na sgoilean, agus ag iarraidh gu ’m biodh ceartas air a thoirt dh’ i. Labhair mar an ceudna Mr. Domhnul Muireach agus Mr. Ian Mac Coinnich. Cha d’ thug Morair Balfour geallaidhean mora sam bith dhaibh, ach ’se ’s coltaiche gu ’n deanar barrachd ’sa gheall e, agus gu ’m bi a Ghàilig air a cur air stéidh na ’s fhearr anns na sgoilean na bha i fhathast. Mur deanar sin ri linn Bhalfour, nithear ri linn fir eil’ e, oir cha ’n eil càirdean na Gàilig a’ dol a leigeal tàmh le luchd-riaghlaidh nan sgoilean gus am faigh iad dh’ i an aon cheartas ’s a tha cànainean eile a’ faotainn. Tha Còirneal Vassos, ceannard an airm Ghreugaich ann an Crete, mu leth-cheud bliadhna dh’ aois, agus tha e air a mheas ’na oifigeach cho treun ’s cho eòlach air gnàths airm ri duine tha an arm na Gréige. Mu ’n deach e do Chrete, bha e ’na fhear-cuideachaidh aig Righ Deorsa, aig am bheil làn-earbsa na theònachd ’s na thréine, ged nach robh e riamh roimhe air ceann airm an àm cogaidh. Moladh Claidheimh Chonaill. Is e mac mna sithe a bha ann an Conall Gulbann. Chuir righ Lochluinn fo dhraoidheachd e; agus bha e fad tri ràidhean anns a’ bhruth agus dùil aige nach robh e ann ach aon oidhche. Fhuair Conall an claidheamh o a shean-athair, bodach sìth, nuair a bha e ann am bruth Bheinn Ghulbann. Nuair a rachadh an saoidh ’na chulaidh chatha chruaidh chomhraig, is e bu chulaidh chatha chruaidh chomhraig da, a chrios strìlean, stròlain, a leine shleamhain, de ’n t-sìoda bhuidhe, agus a luireach aigileineach iarruinn, a chlogad clocharra ceanna-bhuidhe gu dìon a mhuineil agus a gheala-bhràghaid. Chuireadh e sgiath bhucaideach, bhacaideach mhìn-dearg air a thaobh eile, air am bu lionmhor dealbh leòmhain, liobairt, gribhinnich, nathrach bheumnaich losgnaich shlignich. Sin an uair a dheasaicheadh an laoch a shlachdan geur, cruaidh, curranta claidheimh an deidh a tharruing as a chisdidh chaoil, ghuirm, ghiumhais. A cheann air a chur ann gu socair, mar chuismhdta, ’s e gu ’n fhacal air a linntean, ’s e gu lìomha, lìomharra; ’s e gu làidir, fulangach; gu ruighinn, geur, ri iomarachadh; gu so chur, sàthta, so-bhuailte ’na làmhuinn geur, eutrom, iongantach. B’e sin an claidheamh siosantach, suasantach. Ghearradh e naoi naoinear a null, agus naoi naoinear a nall, agus ghlacadh e fein anns an làimh cheudna a rithisd e; maille ri a dha sgithinn ghuineana, ghoineana, mar arm gheur ghorrag, mar arm ghorm sgian. Sgian a ghearradh ubhal air uisge, agus fuiltean foinnearra, fiorghaidh; a bheireadh uisge air stiornanan, agus teine dearg air an earrliun annta air an toiseach agus asta air an deireadh; far am bu tiugh e bu tana e, agus far am bu tana bu luath-sgaoilteach, bu dùn-mharbhach. Cha ’n fhàgadh e fear innseadh sgeul na maoidheadh an tuairisgeul, mar an rachadh e an talamh toll na sgeilpeannan chreag; ach aon fhear claghann ruadh air leith-shuil, agus air leith-ghluin, ’s air leith-chluais; agus ged a bhitheadh deich teanganan filidh fior-ghlic ’na cheann, is ann ag innseadh uile fhein agus uile chaich a bhitheadh e, agus treuntan a’ ghaisgich.—Leabhar na Feinne, 1872. STOR UR TAILLEARACHD. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 309] [Vol. 5. No. 40. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bhatar a’ taghadh fir-pàrlamaid ann an siorrachd Champlain, an Cuibeic, Di-ciadinn s’a chaidh. Fhuair an Conservative a stigh. ’S e duine dhe’n phàirtidh sin a bha stigh roimhe. Thatar ag radh gu bheil meallan mora deighe anns a chuan mhor an ear air bancaichean Newfoundland. Thatar ag radh gu bheil aon chnap ri fhaicinn a tha togail a chinn coig cheud troigh os ceann an uisge. Tha cuid de na mèinnean òir ann an Columbia Bhreatunnach anabarrach beairteach. Tha aon mheinn ris an canar LeRoy a tha cur a stigh coig mile fichead dolair ’sa mhios riutha-san leis an leis i, a bharrachd air an luchd-obrach a phaigheadh. Tha an soitheach-smuide “Stanley” a tha ruith eader Pictou agus Georgetown, a’ faotainn tàire mhor air a gheamhradh so leis an deigh. An sgeul mu dheireadh a fhuair sinn oirre bha i ’n ’sàs anns an deigh mhoir mu shia mile ’n ear-dheas air Eilean Phictou. Chaidh leth-cheud gearradair-guail a chur as an obair ann a Springhill air an t-seachdain s’a chaidh, agus thatar ag radh gu bheil leth-cheud eile ri bhi air an cur as air an ath mhios. Tha luchd-seilbh na mèinne ag radh gu bheil barrachd mor de dhaoine aca ’sa tha dhith orra. A reir coltais, tha iasgach nan giomach ri bhi air a chumail air adhart gu math air an t-samhradh s’a tighinn ann an Ceap Breatunn agus an Eìlean a’ Phrionnsa. Tha àireamh de dh’ fhactoraidhean ùra ri bhi air an cur suas, agus tha dùil ri timeannan a bhi gu math trang. Tha ’n t-side a’ fuireach fuar, greannach. Thainig latha blàth no dha air t-seachdain so, agus dh’ fhalbh roinn mhath de’n t-sneachda leotha, ach bha ’n t-side gu math fuar a’ chuid eile dhe’n uine. Thuit beagan sneachda Dior-daoin. Cha’n eil dùil ris an t-side dhol moran na’s fhearr gus am falbh an deigh mhor. Tha an t-Onarach G. A. Kirkpatrick, Riaghladair Ontario, tinn le cansair anns an stamaig o chionn treis a dh’ ùine. Chaidh e null do Lunnainn gu dhol fo làimh lighichean an sin, ach an deigh dhaibh sin na b’urrainn daibh a dheanamh ais a shon, cha’n eile dad na’s fhearr. Cha’n eil e ro choltach gu’m bi e fada beò. Bha coinneamh ann an oifis a bhaile oidhche Dior-daoin air son fhaicinn ciod bu chòir a dheanamh air son iubili na ban-righ’nn a choimhead. Cha robh moran a làthair, air do’n t-side bhi mi-fhreagarrach, ach chaidh àireamh dhaoine a thaghadh gu dhol còmhla ri Comhairle a bhaile air son a chuis a chur air adhart. Cha’n eil teagamh againn nach dean muinntir Sidni agus nam bailtean eile timchioll air, an dilseachd agus an gradh do bhan-righ Victoria a nochdadh air doigh a bhios creideasach dhaibh féin, agus taitneach ann an sùilean muinntir eile. Thatar a bruidhinn anns an Ard-phàrlamaid air reachd a dheanamh leis am bi an ceathramh latha fichead de’n Mhàigh, latha-breith na Ban-righ’nn, air a ghleidheadh mar latha saor eadhon an deigh a bàis. Mar reusan air son sin a dheanamh tha a Bhan-righ a nise air a chrùn na’s fhaide na bha righ no ban-righ am Breatuinn riamh roimhe, ’s mar an ceudna thainig barrachd adhartais air an Iompaireachd Bhreatunnach, agus an an t-saoghal gu h-iomlan, ri linn a riaghlaidh-se, ’sa thainig orra ann an tri fichead bliadhna sam bith de ’n eachdraidh. Tha e uime sin iomchuidh gu leòr cur mu dheibhinn an latha bha air a chumail mar chuimhneachan dhaibhsan a tha teachd nar deigh air na bliadhnaichean sona soirbheachail a chuireadh seachad fo riaghladh Victoria. Tha am fearann gu math saor ann am Boston. Chaidh piosan beag a reic ann Di-satharna s’a chaidh a bha 72 troigh a dh’ fhad, agus 32 troigh a leud, air da cheud mile dolair. Bha an soitheach mor ceithir-chrannach a chaidh a chuir air sàl am Portland o chionn ghoirid, ann an Louisburg air an t-seachdain s’a chaidh, agus thug i leatha luchd guail. Giùlanaidh i tri mile ’s coig ceud tunna. ’Se màireach Di-dònaich nam Pailm, agus seachdain o màireach Di-dònaich na Càisge Cha bhi an t-earrach gle fhad air chùl na Càisge air a’ bhliadhna so, agus ma bheir sinn creideas do ’n t-seann radh, bheir sin side bhriagha dhuinn. Chaidh fear do’m b’ainm Davignon, a bha ri ceannachd ann an Farnham, an Cuibeic, a losgadh gu bàs oidhche Luain. Chaidh an stòr aige ’na teinne, agus ’s ann a’ feuchainn ri pairt de ’n chuid bu luachmhoire de ’n bhathar a shàbhaladh a bha e ’nuair a thug an teine buaidh air. Tha triùir de mhinistinean Cléire Shidni an deigh cead iarraidh agus fhaotainn air son a dhol air chuairt do ’n t-seann dùthaich air an t-samhradh, an t-Urr. E. B. Mac Raing, Sidni, an Urr. I. A. Forbes, Glace Bay, agus an t-Urr. Mr. Greenlees, St. Peter’s. Tha iad gu bhi air falbh fad thri miosan. Bha na Seinneadairean Iubilieach anns a’ bhaile oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha an talla gu math làn, agus chord a’ cho-sheirm gu math ris na bha ’ga h-éisdeachd. Tha na daoine-dubha cho math air seinn ’sa bha iad riamh mur eil na’s fhearr. Tha iad an dràsda air tighinn thairis air a chuan an degh cuairt a chur air an Roinn-Eorpa. Bha réis each air an deigh ’sa Bhai ’n Iar air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair each le Mr. Lamey a’ cheud duais, each le Murchadh Mac-a-Phearsain an darra duais, agus làir le Coinneach Ros an treas duais. Tha ’n deigh a nise a’ fàs dona—ann an àiteachan air falbh gu buileach—agns tha àm nan réis mar sin air a dhol seachad. Ghoid duine ann an Toronto ochd dolair à bùth feoladair anns a bhaìle sin. Nuair a fhuaireadh a mach e ’sa chaidh a ghlacadh shluig e na notaichean. An deigh a thoirt gu cùirt thugadh dha deoch de stuth a thug air diobhuirt, agus fhuaireadh anns na chuir e mach coltas nan notaichean. Tha aige nise ri cùirt eile sheasamh. Bha geamhradh fada, cruaidh, aca ann an Kamloops, an Columbia Bhreatunnach, air a bhliadhna so. Cha b’ abhaist do na tuathanaich a bhi biathadh an cuid spréidhe ach mu dha mhios gach geamhradh, ach air an turus so thainig an geamhradh toiseach Nobhember, agus cha d’ fhalbh e fhathast. Tha am fiar air teisgsinn, agus tha eadar da mhile dheug us coig mile deug ceann cruidh a bàsachadh le cion a bhidh. Chaìdh soitheach-smùide mhor a bhristead air na creagan aig Seal Island faisg air Cape Sable, mu mheadhon-latha Di-luain s’a chaidh. Bha an cuan gu math garbh aig an àm, ach bha ’n latha soilleir saor o cheò, agus cha’n eil fhios ciod a b’aobhar gu’n do bhuail an soitheach na creagan. Chaidh gach duine bh’ air bòrd a shàbhaladh, ge do fhuair iad tàire gu leor, ach bha ’n luchd gu h-iomlan air a chall. Bha an soitheach a ruith eadar St. John, N. B., agus Libherpool, an Sasuinn; bha i air a turus gu St. John an uair so, agus i air a luchdachadh le bathar luachmhor. Bha moran de’n bhathar air an t-slighe gu Montreal, agus tha iad ag radh gu’n cuireadh e bochduinn air neach a bhi faicinn pasgannan aodaich a’ falbh leis an t-sruth ’s iad air an tur mhilleadh. Tha iadsan a bh’ air clàr-uachdar na luinge ag radh nach robh dad ri fhaicinn air a chuan aig an àm a bhuail i, a dh’ innseadh gu robh na creagan fodha. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-ghabhail thoirt dha. [TD 310] [Vol. 5. No. 40. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 307.) cruinn. Tha ’n Talla diuth air geata ’chaisteil so. Cha ’n urrainn domhsa bhith cìnnteach c’aite am bheil ise a’ cur seachad na h uine an uair nach bi i comhladh risan far am bheil e ’na laidhe. Ach a h-uile madainn aig eirigh na greine tha i ’dol g’ a amharc. Na dheigh sin tha i ’tighinn an so a dheanamh dioghaltais ormsa, mar a dh’ innis mi dhuibh: agus tha sibh a’ faicinn nach urrainn domhsa mi fhein a dhion uaipe. Tha i ’toirt dibhe dha uair ’san latha, leis am bheil i ’g a chumail o bhasachadh; agus tha i an comhnuidh a’ gearain nach do bhruidhinn e riamh rithe o’n latha ’lotadh e.” “Bu tu ceann a’ chruaidh-fhortain,” ars’ an righ; “cha ’n urrainnear truas gu leor a bhith riut! Cha do thachair a leithid de chruaidh-fhortan ri duine riamh roimhe ’s a thachair riutsa, agus ge b’e a sgriobhas eachdraidh do bheatha, bi iomadh ni aige ri sgriobhadh a bheir barr-urram ann an iongantas air ni sam bith a chaidh a sgriobhadh riamh roimhe. Is e trom-dhioghaltas a dheanamh oirrese air son mar a rinn i ortsa, an ni a tha nis ri dheanamh, agus ni mise na ’s urrainn mi a chum sin a dheanamh.” Na dheigh sin dh’ innis an righ do’n phrionnsa, co e, agus an t-aobhar air son an d’thainig e do’n chaisteal. Dh’ innse e dha mar an ceudna an doigh anns an robh e ’smaointean a b’ fhearr a rachadh aige air dioghaltas a dheanamh air an droch bhoirionnach. An uair a chuir iad an comhairle ri ’cheile mu’n chuis, shuidhich iad gu’n rachadh an righ an ceann a’ ghnothaich an l’ar-na-mhaireach. Anns an am bha moran de’n oidhche air a dol seachad, agus chaidh an righ a ghabhail mu thamh. Chuir am prionnsa seachad an oidhche mar a b’ abhaist dha gun norradh cadail; oir cha do dhuin a shuil riamh o’n latha ’chuireadh fo gheasan e. Ach bha dochas aige gu ’m faigheadh e fuasgladh an uine ghoirid. An la’r-na-mhaireach dh’ eirich an righ mu’n do shoilleirich an latha, agus, a chum an ni a bha ’na bheachd a cur an gniomh, chuir e an t-aodach uachdair a bha uime ann am falach, agus chaidh e do Thalla nan deur. Bha aireamh mhor do choinnlean geala, ceireach, laiste anns an Talla, agus bha bocsaichean briagha oir ann luma-lan de dh’ olla chubhraidh de gach seorsa agus iad fosgailte, agus air an cur ann an ordugh gu ciatach. Cho luath ’s a chunnaic e an leabadh anns an robh a duine dubh ’na laidhe, ghabh e far an robh e, agus thug e’n ceann dheth leis a’ chlaidheamh. Shlaod e an corp am mach as an Talla, agus thilg e ann an tobar e. ’Na dheigh sin chaidh e do’n leabaidh anns an robh an duine dubh, agus an claidheamh aige am falach fo’n aodach. Cha robh e fada ’na laidhe an uair a thainig a bhan-draoidh. Chaidh i an toiseach do ’n t-seomar anns an robh am prionnsa, agus thug i dheth an t-aodach, agus ghabh i dha leis a’ chuip mar a b’ abhaist dhi. Bha am prionnsa truagh ’a caoidh ’s a’ glaodhaich cho ard ’s gu’n cluinnteadh an taobh am muigh de’n taigh e; ach cha deanadh sin feum dha. Ged a ghuidh e gu durachdach oirre truas a ghabhail dheth, cha stadadh i gus an d’thug i dha coig fichead buille. “Cha robh truas agad fhein ri mo leannan-sa,” ars’ ise, “agus cha ruig thu leas duil sam bith a bhith agad gu ’n gabh mise truas riut.” An uair a thug i dha na coig fichead buille, chuir i uime a t-aodach mar a bha e roimhe. ’Na dheigh sin chaidh i do Thalla nan Deur, agus cha bu luaithe a chaidh i steach na thoisich i ri caoidh ’s ri tuiream mar a b’ abhaist dhi. An sin chaidh i dluth do ’n leabaidh, agus i’n duil gur e a leannan a bha ’na laidhe innte. “Nach cruaidh-chridheach an gnothach,” ars’ ise, “dragh-innitinn a chur air aon a thug gradh seachad cho teith ’s cho durachdach riumsa! O thusa ’tha ’toirt beum dhomhsa a chionn gu ’m bheil mi deanamh dioghaltais ort! a phrionnsa chruaidh-chridhich! nach ’eil an gniomh borb a rinn thusa moran ni ’s miosa na ’n dioghaltas a tha mise a’ deanamh ortsa! Ah, mhealltair, an uair a thug thusa oidhirp air beatha ’n fhir do’n d’ thug mise gradh a thoirt air falbh, nach d’ thug thu uamsa mo bheatha fhein? Ochan,” ars’ ise ’s i labhairt ris an righ, an duil gu’n robh i ’labhairt ris an duine dhubh, “mo ghrian, mo bheatha, am bi thu ’nad thosd a ghnath? Am bheil thu suidhichte gu’n leig thu leam am bas fhaotainn gun a thoirt dhomh de thoileachadh na dh’ innseas dhomh gu ’m bheil gaol agad orm? Tha mi guidhe ort, a ghaoil mo chridhe gu’n abair thu aon fhacal rium.” Thug an righ smuaisleachadh air fhein mar gu’m biodh e air dusgadh a trom chadal, agus fhreagair e ann an cainnt nan daoine dubh, “Cha ’n ’eil neart no cumhachd ann an neach sam bith, ach ann an Dia, a mhain.” An uair a chuala i na briathran so, ghlaodh i le mor-aoibhneas “Mo mhaighstir graidh,” ars’ ise, “am bheil mi ’toirt orm fein ni a chreidsinn nach ’eil fior? Am bheil e fior gu ’m bheil mi ’g ad chluinntinn a labhairt rium?” “A chreutair thruaillidh,” ars’ an righ, “am bheil thu airidh gu ’m freagrainn-sa do bhriathran?” “Ochan!” ars’ ise, “c’ar son a tha thu ’toirt maslaidh dhomh mar so?” “Tha glaodhaich is osnaich is deoir d’ fhir,” ars’ esan, agus am masladh ’s an cruas cridhe leis am bheil thu ’deanamh dioghaltais air a h-uile latha, ’g am chumail-sa gun norradh cadail a dh’ oidhche ’s a latha. Is fhad’ o ’n a bha mise slan fallainn, agus comasach air bruidhinn riut, nan do thog thu dheth do gheasan. Is e an droch dhiol a th’ agad air a tha ’g am chumail-sa gun chomas bruidhne. “Gle cheart,” ars’ ise, “gu slainte, agus fois inntinn a thoirt dhut, tha mise deas gu ni sam bith a dheanamh a dh’ iarras tu orm. Am bu mhiann leat mi ’ga chur ’s a’ chruth ’s an robh e roimhe?” Bu mhiann,” ars’ an righ; “greas ort, agus thoir a shaorsa dha, a chum nach bi a ghlaodhaich ’s a ghearain a’ cur dragh’ orm tuilleadh.” (Ri leantuinn.) ‘Pickle’ am Brathadair. Mu thoiseach a gheamhraidh so dh’ fhalbh, chuirear a mach leabhar ùr le Anndra Lang an Albainn, leabhar anns am beil luchd-leughaidh am bichiontas ag gabhail moran uigh. ’S e “Pickle the Spy” ainm a leabhair, agus ’se is ceann-criche dha soillearachadh a thoirt air eachdraidh Phrionns’ Tearlaich eadar 1750 agus 1763. Agus ’s bronach a sgeul a tha aige ri innse, chionn tha e ’leigeil fhaicinn dhuinn ged a bha a chuid mhor de na Gaidheil dileas do’n phrionnsa gu ruig am bàs, ged a thug iad dha an cridheachan gu h-iomlan, gidheadh gu robh na ’m measg feadhainn “A thionndaidh an colair ’s an cleoc Airson a sporain bu mho,” agus gu h araid aona cheann-feadhna de ’n fhuil cho uasal ’s a bha ’n Albainn, a reic e-fhein mar fhear-brath ri luchd-driachd Righ Deorsa. Ann an roi’-radh “Redgauntlet” tha Sir Ualter Scott ag radh gun do chum luchd-comhairle Dheorsa am falach innleachdan uire an Dr. Chamshroin air eagal le ’n toirt an aird gun nochdadh iad do ’n t-sluagh na meadhoinean a bh’ ac’ air lan fhiosrachadh fhaotainn mu gach ni a bhuineadh do Phrionns’ Tearlach. Air reir Lang ’se Tighearna og Ghlinne-Garaidh, Alasdair Ruadh, a thug roinn mhor de’n fhiosrachadh so do na Sasunnaich, agus ’s ann fo ’n ainm “Pickle” a tha e am bichiontas ag sgriobhadh ’g an ionnsuidh. Agus gu mi-fhortanach cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ’eil Lang ceart, a chionn a bharrachd air iomadh dearbhadh eile, tha “Pickle” na litir mu dheireadh ag iarraidh air an luchd-riaghlaidh a chuid litrichean a sheoladh gu “Alexander Macdonell of Glengarry by Foraugustus.” Bu ogha Alasdair Ruadh no “Pickle” do dh-Alasdair Dubh Ghlinne-garaidh a ghearr sios dithis leis a h-uile buille do ’n chlaidheimh mhoir ann am blar Raoin-Ruairidh. Anns a bhatal so chaill e ’bhrathair agus a mhac Domhnull Gorm a mharbh ochd deug de ’n namhaid. Bha e rithist aig Siorramuir agus ’n uair a thuit Mac-’ic-Ailein, thilg e ’bhoineid ’s an adhar ag eigheach “Dioghaltas! Dioghaltas! an diugh, caoidh am maireach.” A sios aig ceann a chuid daoine ruaig e na bha mu choinneamh de na Sasunnaich. Co a shaoileadh gu ’m biodh ogha cho foilleil? Ach cha robh coille riamh gun chrionaich; agus ged a bha “Pickle” na mhealltair agus na bhrathadair cha ’n ’eil sin idir ag isleachadh cliu an dream uasail [TD 311] [Vol. 5. No. 40. p. 7] bho ’n tainig e. Agus bha sona bhuaidh air “Pickle.” Bha e na dhuine briagha; cha do sheas riamh air urlar damhsaidh duin’ uasal bu tlachdmhoire. Pearsa dheas, dhireach; aghaidh fhlathail, aoibheil—bu duilich a chreidsinn gu robh ’n fhoill na chridhe. Agus cha robh dhith misneach air. Shiubhail e gun sgath an Fraing, Albainn, agus Sasunn, ’s fios aige gum biodh an sgian ri mhuineal na faighte mach e. Agus ’se an ni a’s iongantaiche gun d’ fhuaradh a mach e, agus gun deachaidh casaid a chuir air a dh’ ionnsuidh an “Righ bha bhuainn,” le banntrach Ghilleasbuig Camshroin. Ach bha ’s an àm sin am mi-chordadh eadar Seumas agus Prionns’ Tearlach cho mor, agus gu robh am brathadair na chompanach dlùth aig a phrionnsa, agus a faighinn bocsa snaoisean oir bhuaithe mar thiodhlaic, ’n uair a bha fios ac’ air fhoill anns a Roimh. Dh’eug Alasdair Dubh ann an 1724, agus thainig a mhac Iain, a dh’ ionnsuidh na h-oighreachd. Bha Iain posda da uair agus bha ceathrar mhac aige. Dhiu so b’e Alasdair Ruadh, am fear bu shine, “Pickle.” Bha Alasdair na chaiptein ann an reiseamaid Ghaidhealach anns an arm Fhrangach. Cha do dh’ eirich seana Ghleanna-Garaidh leis a phrionns’ idir, ach bha roinn mhor de chuid daoine a muigh fo chomannda Tighearna Locha-Garaidh. Rugadh air Alasdair mu dheireadh 1745, air dha ’bhi tighinn tarsuinn bho ’n Fhraing le buidheann de shaighdearan Gaidhealach. Chuir na Sasunnaich ann an tur Lunnainn e. Anns a chiad mhios de 1746 bha e ’sgriobhadh gu Paris ag iarraidh airgid. ’Sann mu ’n àm so a chaidh a bhrathair Aonghas a mharbhadh le urchair a dh’ fhalbh gun fhios á gunna Domhnullaich do reiseamaid Mhic-’ic-Ailein. Chaidh an saighdear bochd a chuir gu bàs, agus dh’ fhag moran de na Domhnullaich arm a Phrionnsa. Leigeadh mar sgaoil e mu mheadhon 1747, ach cha ’n ’eil cinnt againn c’uin a reic e e-fhéin ri muinntir Shasuinn. Bha e gun stad gun fhois ag iarraidh airgid air Righ Seumas, ach so ni nach robh furasda do Sheumas bochd a thoirt dha. Cha ’n ’eil teagamh nach robh e ann an cruaidh chas, chionn ann an July, 1749, b’ fheudar dha a chlaidheimh agus a bhucail-bhrog a reic gu airgead fhaotainn. Mu dheireadh na bliadhna so bha airgead gu leoir aige, ach co-dhiu fhuair e e gu h-onarach no nach d’ fhuair, tha e duilich a dhol roimhe. Chaidh a chiad litir a tha lathair de ’n fheadhainn a chuir “Pickle” gu luchd riaghlaidh Shasuinn a sgriobhadh air Nov. 1752. Anns gach litir tha e ag gearain nach ’eil iad ’ga phaigheadh airson a sheirbheis. Fhuair na Sasunnaich na bha dhith orra bhuaithe ach mar bu dual daibh cha tug iad moran dha air a shon. Thainig e stigh air an oighreachd ’n uair a dh’ eug athair ann an Sept. 1754. Rinn e droch fhear-fearainn. Bha e bosdail is taireil air an tuath agus dh’ fhiach e gu cruaidh riutha. Thairg e reiseamaid de chinneadh a reic ri Sasunn na faigheadh e-fhéin na choirneal oirre, ach cha deachaidh so leis. Tha mi creidsinn nach b’ urrainn do na Sasunnaich moran earbsa chuir as. Air Dec. 1761, dh’eug Alasdair Ruadh agus dh’ fhalbh “Pickle” maille ris. Cha d’ fhag e duine cloinne, agus ’s math nach d’ fhag. Na ’m biodh a shliochd a lathair air an latha ’n diugh bu mhor an t-aobhar tamailt e dhaibh. ’S duilich ri radh co dhiu rinn e math no cron. Mur a biodh e ma dh’ fhaoidte gun d’ eirich na Gaidheil a rithist agus gu b’e mar a rachadh a chuis, bhiodh iomadh call deanta. Cha d’ fhuilinn bas troi’ fhoill “Phickle” ach aona duine an Dr. Gilleasbuig Camshron, agus bu mhor an diubhail. Bu bhrathair Gilleasbuig de’n uasal chliuteach Domhnull Camshron Loch-Iall. Dh’ ionnsaich e bhi na lighiche ann an Dun Eideann, agus anns an Fhraing; shuidhich e e-fhein a sin ann a Lochabair agus phos e bean-uasal de na Caimbeulaich. Bha e comharraichte airson caomhalachd a nadair, agus cha robh toil sam bith aige eiridh leis a Phrionnsa ann a 1745; chaidh a leon ann am blar Sliabh a Chlamhain, agus bha e rithisd ann am blar Chuilfhodair ach fhuair e teichealt do’n Fhraing maille ri Loch-Iall. Na dheigh so bha e air ais agus air adhart eadar Albainn agus a Roinn Eorpa ann a seirbheis a Phrionnsa. Anns a 1752 fhuair na Sasunnaich greim air agus chaidh a dhiteadh gu bas airson a bhi muigh ann a 1745. Rinn a chairdean na b’urrainn dhaibh go mathanas fhaotainn dha ach b’fhaoin an gnothach fiachainn ri taiseachadh a thoirt air cridhe cruaìdh Righ Deorsa. Chaidh a bhean a (Air a leantuinn air taobh 312.) CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4.; ’95 [TD 312] [Vol. 5. No. 40. p. 8] (Air a leantuinn o thaobh 311.) ghlasadh suas comhla ris air eagal i ’bhi ag cuir trioblaid air an teaghlach rioghail le h-achanaich. Chaidh a chrochadh air June 8, agus a choluinn a reubadh ann an doigh ghraineil. Tha litir á Lunnainn ag radh gun do dh’fhuilinn e mar dhuine treum, mar Chriostaidh, is mar dhuin-uasal, agus ’si so an teist tha gach aon a’ toirt dha. Airson a Phrionnsa ris na bhuin Pickle cho foilleil feumar aideachadh gun deach e bhuaithe air a cheann mu dheireadh, agus gu robh a ghiulan na aobhar dorrain agus doilgheadais do gach aon bu dillse dha. Ach chaidh a spiorad a bhriste, agus ’s iomadh rud mi-chiatach a bheir amhghar, an dochas, agus briste-cridhe air duine a dheanamh. ’S fhearr leinn gu mor, ma ta, smaoineachadh air Tearlach mar a bha e na aois a choig bliadhna fichead na Phrionnsa cho eireachdail agus cho flathail ’s a tharruinn riamh claidheamh á truaill. Dhearbh e chruadal ’s a ghaisge ’n uair nach robh e ach ceithir bliadhn’ diag, agus fhiughantachd, iochd, agus fhoighidinn nochd e uair agus uair. Ann am beagan fhacal tha Lang ag radh gu robh de dheifir eadar e-fhein agus Diuc Uilleam ’sa bhiodh eadar ceannard flathail, foghluimte agus Innseanach an-iochdmhor, meallta na coille. Cha ’n urrainn teagamh sam bith bhi mu’n phuing so. Thairg na Sasunnaich duais mhor airson Thearlaich beo no marbh. Thuirt Cumberland ri shaighdearan nach robh priosanaich a dhith air. ’San Roinn-Eorpe dh’ fhiach iad iomadach uair ri cuir as da le foill. Agus mu choinneamh so cha ’n fhuiligeadh Tearlach d’a chuid daoine ionnsaidh sam bith ’thoirt fos laimh air teaghlach Hanobher, agus tha a naimhdean fhein ag aideachadh iochd ris na priosanaich. So am Prionnsa, Prionns Tearlach mar a bha e ann an 1745, do’n tug na Gaidhil gaol, gaol nach d’ fhuair prionnsa riamh roimhe, ’s nach fhaigh prionns’ eile na dheigh, gaol a chaidh a dhearbhadh le fuil ghaisgeach cho calma ’s cho duineil ’s a sheas riamh air faiche; agus fhad ’s a bhios fraoch a fas air beanntanan garbha na h-Alba thig blaths ann an cridhe gach Gaidhil agus gach mac Gaidhil ’n uair a chluinneas e iomradh air an Righ “A thainig air tir am Muideart Righ nan Gaidheal, Tearlach Stiubhart” MAC-IAIN. Iul an Eileanaich. LEIS AN OLLAMH URRAMACH IAIN MAC LEOID, NACH MAIREANN. Tha Eilean Thireadh cho iosal chòmhnard, ’s nach ’eil e furasd’ a thogail ’s an oidhche leis na maraichean tha ’g iarraidh ’ga ionnsaidh. Tha e na chleachda cumanta, uime sin le muinntir an eilean, ’n uair a tha càirdean a mach air cuan agus sùil aca riutha, teine a lasadh air àite airidh air an dean am maraiche a ghabhail. Is iomad bàta agus sgioba a thearnadh leis a chleachda chairdeal bhàigheil so. ’S e ’n ’fhaireachadh so a thug air Iain Mor na Morairne an Dan a leanas a sgriobhadh. FIONN. Bha ’ghrian ’si air luidhe Fo smal is fo ghruaim, Agus cuantan a’ beuchdaich Le gàirich nan stuadh; Ach tha ’n eithear gu treun Ris a ghaillinn a’ strì, Ag iarradh gun luasgan Gu cala na sìth. Bha dui-neoil nan doinionn A’ siubhal nan speur, Is fearann no fasga Do ’n sgioba cha leur, Ach gun mheatachd gun imcheist Air cridhe nan sonn, Shior ghleidh iad an gabhail Air Eilean nan tonn. Deir am maraiche aosda A shuidh air an ailm, Na striochdaibh mo ghillean Fo uamhar no stoirm; Bidh ar n-earbsa gu daingeann An Ard-Righ-nan-Dùl, Oir dheònaich a mhaitheas Na bheir soills agus iul. Agus feuch! mar a labhair Air carraig nan stuadh, Suas dh’éirich le deàrsadh Ard lochran nam buadh; An deur nach do dh’ fhasgadh Le gabhpadh o shùil, Shil an t-athair ’nuair thuirt e “A leanabh mo rùin.” ’S bha leanabh cho sona, ’S bu mhiannach le crìdh, ’Nuair chunnaic i ’n t-eithear An cala na sìth; ’S O! b’ aoibhneach a choinneamh ’Nuair rainig i ’n tràigh ’S a thuirt i le aiteas— “O, athair mo ghraidh.” Banarach Dhonn a Chruibh. A bhanarch dhonn a chruibh, Chaoin a chruibh, dhonn a chruibh, Cailin deas, donn a chruibh, Cuachag an fhàsaich. A bhanach mhìogach, ’S e do ghaol ’thug do ’n tir mi; ’S math thig làmhainean siod’ Air do mhìn-bhasaibh bàna. ’S mòr bu bhinne bhi d’ èisdeachd, ’S tu bleodhann na sprèidhe, Na smeòrach ’s a Chétein ’M bàrr gèig’ ann am fàs-choill’. ’S nu’r sheinneadh tu ’choilleag, ’Leigail mairt ann an coille, Dh-ialaidh ianlaidh gach doire Dh-èisdeach caoiril do mhànrain. ’S gum bu mhòthar mo bheadrach Tigh’n do ’n bhuaile mu ’n ead’ thra, Seamh, seang-chorpach, beitir, ’S buarach, ’greasad an àil, aic’. Dà mhaoth bhois bu ghrinne, Fo ’n dà ghàirdein bu ghile, ’N u’r a shìnnt’ iad gu sgilail, Fa sininean fhàsgadh. ’N u’r thogadh i ’bhuarach, Cuach ’us currasan na buaile, B’ èu-coltach a gluasad Ri guanaig na Stràide. ALISTAIR MAC DHÒNUILL. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 313] [Vol. 5. No. 41. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 17, 1897. No 41. Litir o’n Chuairtear. FHIR MO CHRIDHE,—Mar a ta fhios agad fhéin, tha m’ obair ’g am chur air ghluasad air feadh an eilein, agus mar sin chi mi moran sluaigh, agus gheibh mi moran naigheachdan á iomadh cearna. ’S iomadh uair a smaoinich mi gu ’n sgriobhainn litir gu MAC-TALLA, ach cha ’n eil mo sgoil Ghàilig ach fad air ais, ged is nàr sin ri innse. Dh’ fhalbh mi á siorrachd Victoria air a mhios so dh’ fhalbh, chaidh mi troimh siorrachd Inbhirnis, agus tha mi nise ann an siorrachd Richmond. Fad na h-ùine bha mi deanamh an astair sin, cha chuala mi iomradh air a bheag ach politics agus an la grip. Thog an la grip a ceann an toiseach ’s an Fhraing, agus b’ fhearr le sluagh na dùthcha so gu robh i air fuireach ann an dùthaich a h-àraich. Dhòirt Breatunn fuil gu leòr a ruagadh nam Frangach as an eilean so, agus ’s bochd an gnothuch nach rachadh aice air toirt orra an cuid tinneis a chumail aca fhéin, cho math ’sa rinn i sin. Thug Wellington buaidh air Napoleon ann am blàr Waterloo, agus their cuid riut nach eil Wellington ann do’n ghrip ach a mhàin an t-uisge-beatha; agus fhad ’sa dh’ fhanas i gun an casan a chur os an ceann, tha iad coma cia lion Waterloo a dh’ fheumas iad a chur, oir bheir gach blàr a thig cothrom dhaibh air fàilte chridheil a chur air Wellington. Tha moran dhaoine tinne air feadh an dùthcha; mur eil iad tinn leis a’ ghrip, tha iad tinn le politics, am measg nan daoine tha feuchainn ri bhi air an taghadh ann an Ceap Breatunn, tha dithis air an do chuir mi fhéin eòlas a’ dol do’n Ard-sgoil ann an Sidni, Iain G. Moireastan, ann an siorrachd Victoria, agus Donnachadh Mac Fhionnlaidh ann an siorrachd Richmond. Air sgàth seann eòlais bu mhath leam am faicinn air an taghadh le chéile. Bha mi aig coinneamh Cléire ann a’ Hogamah air a treas latha dhe’n Mhàrt. Bha coinneamh ùrnuigh aca feasgar, agus an t-Urr. Alasdair Ros air a ceann. Labhair an t-Urr. Mr. Bayne mu Theachdaireachd Chéin, agus an t-Urr. Domhnull Domhnullach mu Theachdaireachd aig an Tigh. Bha an t-Urr. M. A. Mac Coinnich, a bha roimhe so ann an Grand River, a’ searmonachadh aig na Narrows Bheaga àireamh sheachdainean; tha e nise ann am Pictou. Tha iadsan a tha ruith an taghaidh a’ coinneachadh rium an siod ’s an so. ’Nuair a thachras duin’ ort a bheir crathadh làimhe cridheil dhuit, ’s e gu h-aoidheil, càirdeil, a’ feòrach ciamar a tha thu fhéin ’s an teaghlach mu ’m bheil fhios aige gu bheil teaghlach agad, faodaidh tu bhi cinnteach gur duin’ e a tha sireadh bhòtaichean. Tha e ’na sheòrsa toileachaidh do’n duine bhochd a bhi faicinn nan daoine beairteach mar siod a dol mu’n cuairt air a bhaigeireachd an dràsda ’sa rithist. Anns a’ Bheurla goirear de na daoine beairteach air uaireannan “big bugs.” Mo thruaighe ’n dùthaich: ’s iomadh seòrsa bògais a tha deocadh a fala. Ach cha chreid mi gu bheil seòrsa ann a’s miosa dh’i na bògais a bhuntàta agus bògais na pàrlamaid. Gun teagamh tha seòrs’ ann a chumas tàmh na h-oidhche bho dhuine, ach iad so cha leig iad tàmh leis a dh’ oidhche no latha. Tha fear Domhnull Mathanach aig Loch Mhic Fhearghais, an deigh muileann-sàbhaidh a thogail a tha air a’ cur air obair leis a’ ghaoith. Tha ceithir sgiathan oirre, a dha uiread ’sa tha air [?] eile. ’Nuair a gheibh e neart fiodha ri ’shàbhadh, cha b’ iongantach leam ged a bhiodh e ’g òrduchadh August gale a thighinn a h-uile mios dhe ’n bhliadhna. Tha mi ’n dràsda aig Loch Lomond, am meag mo chàirdean caoimhneil Gàidhealach, de ’m bheil moran a’ gabhail ’sa leughadh MHIC-TALLA. O chionn beagan bhliadhnaichean air ais, chuir mi seachad latha gle thoilichte maille ri dithis eile a bha ’dol do’n sgoil còmhla rium ann an Sidni. Bha sinn a’ seòladh air an loch. Tha Eilean nan Gròiseid, air ’n do chuir sinn seachad a’ chuid a b’ fhearr de’n latha, an diugh mar gu ’m biodh e na shuidhe air an deigh, agus tha a’ ghaoth tuath cho geur ri gròiseidean an-abaich. Tha na ròidean a’ fàs gu math rùisgte, agus ge air bith de dh’ éireas dhomh fhéin, cha ’n eil e ro-choltach gu ruig an t-sleighe ’n tigh gus an tig sneachda geamhraidh eile. Ma bhios mi gu math, agus nach teid mi’n sàs ’san deigh cho dona ’s nach tig mi as, cluinnidh tu uam a rithist. Is mi do charaid, AN CUAIRTEAR. Stuamachd. Their cuid, ‘Is coma leam fhéin na daoine nach òl deur idir. Cha mhòr a’s fhiach am fear nach urrainn a ghabhail is fhàgail! An do chuir daoine a bhitheas a labhairt mar so riamh a cheisd so riutha féin. Cò ás a tàinig na drongairean? Tha fhios math gu leòir nach do rugadh duine riamh na mhisgear, cò as a nis a tha iad a tighinn? C’àite bheil iad ’g an àrach? Tha dìreach á cuideachd na muinntir eugsamhail ud a tha ’m beachd gur urrainn iad daonnan “a ghabhail a ’s fhàgail.” Thig an latha agus gheibh cuid aca fios air an fhìrinn mhuladaich so—ged is urrainn iad a ghabhail nach urrainn daibh fhagail, agus o ’n àm sin tha iad ’a dol leis a bhruthach gun chomas stad. Tha am fear a b’ àbhaist “a ghabhail is fhagail”—agus a bha deanamh uaill nach robh feum ’s am bith aigesan air bòid na stuamachd a ghabhail—a nis air fàs ’n a thràill do ’n deoch-làidir agus gun chomas tilleadh ge b’oil leis e. A charaid, a bheil thu tuigsinn a nis cò ás a tha na drongairean a tighinn? Cha’n ’eil misgear ’s an dùthaich nach robh aon uair am measg na muinntir a bha ’n a bheachd gu ’m b’ urrainn iad daonnan “a ghabhail is fhàgail.” Cha’n ’eìl esan nach gabh deur idir ’g a chur féin anns a’ chunnart uamhasach so—mar tha’n sean-fhacal ag ràdh, “Is feàrr a bhi cinnteach na bhi caillteach.” “Deur beag mu Nollaig.”—So leisgeul a bhios aig cuid. Nach brònach an gnothach e nach gabh an Nollaig ’s a’ Bhliadhn Ur fhàilteachadh gun am botul grànnda a bhi air a’ bhòrd. Tha mòran ann agus tha iad a’ cumail bòid na Stuamachd ré na bliadhna ach a tha ’toirt thairis ’n uair tha ’coileach-dubh’ na Nollaig air a thoirt air bonn. Cha’n ’eil fhios aig mòran air a bhuaireadh a tha iad a’ cur an rathad muinntir le aoidheachd de ’n t-seòrsa so. Tha iad a cur ceap-tuislidh an rathad an caraid ged nach ’eil iad ’g a chiallachadh. Laoidh. La mar là, an neòinean àillidh, Sùileag togaidh ’n àird gu fann; Caoidh chan éirich uaith no tàsan, Nach ’eil ’àit’ air bhàrr nan crann. ’S tha an oiteag ghaoith cho taitneach, Is tha ghrian cho dealrach, grinn, Ris an neiòinean taobh an rathaid, ’S ris a’ bhlàth is àirde ’chinn. Dia thug do gach aon neach ’inbhe; Cuid tha mealtainn seilbh is fàis, ’S cuid ’s na bothain bhochd gu saoithreach— Gheabh gach aon gu saor a ghràs. D’ a chuid cloinne, bochd is saibhir, Ard is ìosal, thug e gaol; ’S bheir e iad a suas gu flaitheas, A rinn seirbhis dha ’s an t-saogh’l [TD 314] [Vol. 5. No. 41. p. 2] A’ Ghàidhealtachd. EARRANN DE DH’ ORAID A LIUBHAIR AN T-URR. MR. MAC GHRIOGAIR, AIG COMUINN GAILIG INBHIRNIS, 1891 Cha ’n eil fhios c’uin a sguireamaid do labhairt na ’n rachamaid gu sgeul a dheanamh air boidhchead na duthcha ’san d’fhuair sinn ar breth ’s ar arach. Shiubhail mise neart do ’n chuan, ’s cha ’n fhaca mi fathast aon tir a chuirinn an coimeas ri mo thir fein. Chi sinn anns a Ghaidhealtachd na h-uile ni a chuireas sgiamh air an talamh, agus na h-uile ni air am bu mhiann leis na baird a bhi a’ deanamh rainn. Seallaibh air na beanntan, air Nibheis, ’s air Cruachan, ’s air Laoimein, ’s air moran eile. Tha iad sin nan seasamh mar fhianuisean air gach gniomh mor a thachair mu ’n cuairt orra o na chaidh an saoghal a chruthachadh. Nach ciatach an sealladh a ta iad a’ cur air an tir? Is mor ’s is laidir ’s is daingean iad, a seasamh mar a sheas na Gaidheil iad fein o shean, gu dian agus gu misneachail an aghaidh gach nàmhaid. Rachamaid a sios gu ruig an Srath, agus ciod a chithear leinn? Tha againn an sin na h-aimhnichean mora, ’s na sruthanna beaga, nan dian ruith o mheasg an fhraoich, gu ruig an comhnard, agus o’n chomhnard gu ruig an cuan. Is boidheach na tuiltean uisge, ’s iad nan ruith ’s nan leum ’s nan cabhaig, mar gum biodh iad a ruith reise a dh’ ionnsuidh na tragha. Seadh agus is boidheach na coilltean gorm’ a ta a fas air na bruichean. Chi mi an giubhas agus an darach, ’s an calltuinn, ’s an seileach ag eir’dh a suas gu boidheach ’s gu lurach. Cuiridh iad sin maise air ar beul gach uair a thogas sinn a suas ar suilean a chum nam beann. Cha bheag an dreach a chuireas am fraoch fein air na sleibhtean an uair a thig e fo bhlath mu Lunastal, ’sa bhios am monadh mar gum biodh e a lasadh le teine. Thugamaid suil a dh’ ionnsuidh na h-airde an Iar. Chi sinn an sin na h-eileinean. Chi sinn Muile nam Mor-bheann, agus I Chaluim Chille, far an deachaidh an Soisgeul a theagasg air a cheud tarruinn ann an Albainn. Chi sinn Eilein a Cheo, no Eilein nan Sgiath, an t-Eilein Sgiathanach, agus a ris an t-Eilein Fada, agus Eilein an fhraoich, an Leothas, a sineadh fad air falbh a dh’ ionnsuidh an airde Tuaith. Tha ’n cuan a’ briseadh mun cuairt orra, mar chuan do ghloinn air a mheasgadh le teine, ni’s dealraich na uile sheudan na talmhainn so air an caradh mu thimchioll crun na Banrighinn. Mur eil gu leoir agaibh fathast thugaibh suil air na criochan a ta ri fhaicinn fa chomhair nan eilein. Sin far am bheil na lochanna a ruith a stigh aig bun nam beann, far am bheil na machraichean faoilidh anns am bi na treudan ag ionaltradh fa ur dhealt a cheitein mu ’n eirich a ghrian. Sin agaibh ma ta, an duthaich anns an bheil againn ar tamh. Co as a thainig sinn fein, agus co d’am buin sinn? Tha eachdraidh nan Gaidheal a’ dol gu ruig linntean fad’ o shean, agus tha cunntas againn air ar sinnsirean mun deachaidh bunaitean na Roimh a leagail, agus mun robh duine beo a’ gabhail tamh ’s an fhearann Bhreatunnach. ’S coltach gum b’ ann o mheadhon na h-Asia chaidh an saoghal gu leir a lionadh le sluagh. Feudar a bhi cinnteach gun robh na Gaidheil am measg a cheud fheadhainn a chaidh a mach, ’nuair a bha an sluagh a fas lionmhor, agus an tir a fas ro chumhann. Ghabh iad an turus a dh’ ionnsuidh na h-airde ’n Iar sior dol air an aghaidh gus am faigheadh iad aite taimh a bhiodh freagrach, agus mu dheireadh thug iad a mach criochan na h-airde ’n Iar do ’n Roinn-Eorpa. As a sin, thainig iad ’nan curaichean thairis air a Chaolas Shasunnaich, agus dh’ aitich iad Breatunn gu leir. Air dhaibh an sin a bhi air an roinn nan tri earannan, chaidh cuid do Uels, agus cuid do Eirinn, thainig cuid eile do cheann Tuaith Albainn, agus b’iad sin na fior shinnsirean o’n tainig sinne. Seadh, agus is iomadh cogadh mor a bha aca riamh ri chur, air son greim a chumail air Tir nam Beann. Is e facal suaicheantais nan Leodach, “Cum an greim a gheibh thu,” agus tha mi an duil gum bu mhath a fhreagaireadh e do na Gaidheil uile. Thainig naimhdean nan aghaidh an toiseach as an Roimh. Bha iompaireachd na Roimh a’ tagradh coir air an t-saoghal gu leir, ach feuch an tug na Romanaich buaidh air luchd aiteachaidh nan gleann. Cha tug, ’s cha mho thug na Sasunnaich no na Lochlunnaich, ged a bu tric a thug iad an oidhirp. Tha iomadh carn ri fhaicinn air feadh na Gaidhealtachd, a ta a’ comharrachadh nan aitean far an do thuit colainnean nan namhaid cein sin, do bhrigh ’s nach leigeadh ur n-aithrichean leo sealbh a ghabhail. Cha deachaidh na Gaidheil riamh fathast a chur fo smachd coigrich, ’s tha mi an dochas nach teid gu brath. Ach coma co dhiubh. Cha ’n eil an sin ach seann naigheachdan a bhuineas do na laithean a dh’ fhalbh. Cha ’n ionann cor na Gàidhealtachd an diugh ’s mar a bha i ’nuair a bhiodh na fineachan a’ dol a mach gu cath fo bhratach nan Ceanna-cinnidh. Tha na Gaidheil air sgoileadh gu uile chriochan na talmhainn, ’s tha iad air tighinn gu ard inbhe anns gach aite far an deachaidh iad. Faicibh an Domhnullach a bha na phriomh uachdaran air an fhearann Bhreatunnach ann an America. Sin far an robh oganach Catach, a chuir moran urraim air an aite as an d’ thainig e. Cha’n eil ach goirid o na thainig a chrioch air, ’s b’ fhearr gun robh tuille ann coltach ris. ’S mor am beud gum bheil co beag suim air a ghabhail do nithean Gaidhealach ’n ar measg. Tha moran ’n ar measg a’ deanamh di-chuimhne air gnathaichean air n-aithrichean, ’s cha ’n eil mi cinnteach idir gur ann ni’s fearr a ta iad a’ deanamh. A reir coltais tha daoine ann a ta co proiseil ’s gum bheil iad a deanamh tair air a Ghaidhlig mar chainnt shuarach neo-fhasanda. Seadh, tha gu leoir ann air feadh na Gaidhealtachd aig am bheil gu leoir do Ghaidhlig, agus a ta a’ cumail a mach nach eil facal dhi nan ceann. Tha iad g’am brath fein gun taing. ’S iomadh uair a rinn mi gaire a’ cluinntinn fear no te ag radh, ’sa Bheurla, “Cha ’n eil Gaidhlig agam.” Nam biodh iad ag innseadh na firinn ’s e theireadh iad, “Cha ’n aithne dhomh a Ghaidhlig,” do bhrigh ’s gur e sin an car a bhios na Sasunnaich a’ cur air a chainnt aca fein. A nis, am feadh ’s a tha daoine cho aineolach ri so, tha e feumail gun rachadh ni eiginn a dheanamh a chum ’s nach rachadh di-chuimhne gu leir a dheanadh air cainnt na h-airde Tuath. ’S e so is crioch araidh do ’n Chomunn Ghaidhealach aig Inbhirnis. Is freagarrach gum biodh priomh bhaile na Gaidhealtachd air thoiseach ’sa ghniomh. Rinn muinntir Inbhirnis aon rud a bha glic, ’nuair a thug iad gairm do ’n Ollamh Macleoid gu tighinn an aite an Domhnullaich. Cha ’n e na h-uile fear a lionas boineid an Domhnullaich, ach ma tha fear idir ann, ’s e sin Tormoid, Gaidheal mor, laidir, foghainteach; saoghal ’s slainte gun robh aige re morain laithean. Gu ma fada beo e, ’s ceo as a thigh. ’S àm dhomh sgur. Moran taing dhuibh air son co foighidneach ’s a dh’ éisd sibh rium. Gabhaibh air ’ur n aghaidh a mhuinntir a Chomuinn Ghaidhealaich. Cumaibh cuimhne air na Baird, ’s air a phiob mhoir, ’s air a chamanachd, agus seasaibh guallainn ri guallainn a dh’ aindeoin co theireadh e. Mairi a’ Ghlinne. LEIS AN URR. TORMOID MAC LEOID, D. D. B’ ann air feasgar ceud latha na bliadhn’ ùire, mar bha mi air mo cheum a’ teachd a mach á Tigh-eiridinn ann am baile-mòr àraidh nach ’eil fad’ o’n àite ’m bheil mi chòmhnuidh, a fhuair mi a’ cheud sealladh do Mhàiri a’ ghlinne. ’S maith tha cuimhn’ agam air an latha. Bha cridhealas, sunnd, agus gleadhar a mach air na sràidibh—aoibhneas air gach gnùis; ach tre na h-aitribh san robh mise, cha robh r’a éisdeachd ach osnaichean agus bròn, gearan agus caoidh. Chaidh mi le lighiche an tighe troimh gach seòmar, agus, da rìreadh, bu chruaidh an cridhe nach faigheadh aobhar-smuain agus cùis-bhròin anns gach aon diubh. Tha cuid do na leapaichean so ars’ an lighiche, falamh an diugh, anns an robh daoine an dé; agus tha mòran an diugh, ag osnaich ’s an tigh so, a bhitheas ’nan cuirp gun deo mun tig an la màireach. B’ aobhar taingealachd an cùram agus an aire bha air a thaisbeanadh do gach aon. Ged abradh sibh gu’m b’ iad mo chàirdean bu dilse bhiodh ann, cha ’n iarrainn am barrachd caoimhneis a bhi air a nochdadh dhoibh na chunnaic mi ’san tigh-eiridinn eireachdail so. Bha mi air mo cheum a dh’ ionnsuidh an doruis, ’s an lighiche dealachadh rium, ’nuair mhothaich mi dithis no triùir a’ cuideachadh le òg-mhnaoi laig, bhrùite, easluintich, gluasad a dh’ ionnsuidh leapa bha air a [TD 315] [Vol. 5. No. 41. p. 3] h-uidheamachadh air a son, ann an seòmar beag leth-oireach anns an robh dà leabaidh: aon airson na h-òg-mhnà so, agus an t-aon eile airson bean chòir thlachdmhor a bha maille rithe, agus a dh’ iarr cead fuireach oidhche no dhà g’a faire. Bha ’n dùile bhochd òg so co lag ’s a b’ urrainn do neach a bhi anns an robh an deò. Cha d’ rinn iad ach a cleòchd agus a còmhdach-cinn a thoirt dhi, ’s leig si i fein na sìneadh air uachdar na leapa le osna thròm. Dh’ amhairc mi oirre gu dlùth. Is ainmic da rìreadh a chunnaic mi aodann bu bhòidhche no gnùis a b’ àille. Cha robh gu dearbh, blàth na slàinte air a gruaidh; bha ’h-aodann geal, bàn, fo shnuadh a bhàis: shearg gach deirge, ach aon bhoinne beò bha fathast ag iathadh an deigh chàich, a’ tighinn ’s a’ falbh ’na gnùis chiùin.—Thuig mi gu luath nach b’ ann sa’ bhaile mhòr a fhuair an t-àilèlagan fann so a h-àrach—bha fonn nam beann air a cainnt; agus o na briathraibh briste labhair i, dh’ fhiosraich mi gu’m b’ann an aon do na h-eileanaibh tuathach a fhuair i a togail. Bha seana bhean thlachdmhor maille rithe, a shuidh taobh na leapa fo imcheist mhòr. Bha gnùis fhlathail aig an t-seana-mhnaoi so, ged a bha preasadh na h-aoise agus cùram an t-saoghail an déigh iomad clais dhomhain a dheargadh oirre. Chunnaic thusa, (arsa mise ’m chridhe féin) latha b’ fhearr, mur ’eil mi air mo mhealladh, dh’ fhiosraich sibhse le cheile bhur cuibhrionn féin do athraraichibh an t-saoghail chaochlaidich so. Dh’ aithnich an t-seana-bhean mi. “Deanaibh suidhe,” ars’ ise, ’s i comharrachadh a mach cathair dhomh, dlùth do’n leabaidh. Tharruing i osna throm, agus thòisich i air a sùilean a thiormachadh. “Thugaibh maitheanas domh,” ars’ ise, “tamull beag.” Dh’ fhosgail an òigh a bha ’san leabaidh a sùil agus dh’ amhairc i mu’n cuairt di. “Co,” deir i, “tha ’m chòir? Co tha làmh rium?”—“Mise ’ghràidh,” ars’ an t-seana bhean, “do bhana-charaid nach tréig thu. Nach aithne dhuit mi, Mhàiri? Nach labhair thu aon fhocal a thruaghain mo chridha; nach innis thu am bheil thu idir ni’s fearr?” Dh’ fhosgail i a sùil bhòidheach ghorm. Bha fiamh do ghàire faoin air a gnùis—agus braon do fhallas fann a’ teachd a mach air a bhathais ard. “Tha mise,” arsa Máiri, “mar bu mhiann leam a bhi—tha mi air leaba mo bhàis; ach O! ’n ann an tigh-eiridinn am measg choigreach—fada, fada o thìr m’ eòlais—an tir nach faic mise ’gu bràth! Ach nach coma? Cha seas so fada. Tiota beag agus bidh gach deuchainn shaoghalta gu brath seachad. O! gu’n robh mise cinnteach á aon ni—agus an sin.” Dhùin i a sùil—tharruing i aon osna throm, mar gu’m biodh a cridhe bochd an impis sgàineadh. Bha a bilean a gluasad; agus b’ fhurasd fhaicinn gu robh iomaguin throm air a h-anam. B’ fhurasda thuigsinn air caochlaidheachd a gnùise gu robh smuaintean buaireasach troma ’na cridhe: mar chithear air uairibh neula dorcha bruailleanach air aghaidh nan speur, air feasgar àillidh samhraidh. “O! mo mhàthair,” arsa ’n truaghan fann ’s i fosgladh a rithist a sùl; “mo mhàthair,” ars’ ise, “nam bu leir dhuit mise air an àm so—annsachd do chridhe féin, t’ aon duine cloinne, do chaileag bhochd, aonaranach! nam bu léir dhuit mi, ’n so am measg choigreach, gun duine air a’ bheil mi eòlach no dhùineas mo shùilean!”—“A Mhàiri,” arsa ’n t-seana bhean, “nach eil mise ’n so? Cha tréig mi thu;—nach do gheall mi fuireach leat? Bi sàmhach fheudail; cha ’n ’eil thu gun charaid. C’àite ’m bheil do chreideimh? Na dhi-chuimhnich thu an caraid a thubhairt Cha tréig ’s cha dibir mis’ thu gu bràth? Na dhi-chuimhnich thu an caraid a leanas na’s dlùithe na aon bhràthair? Phaisg ise bha ’san leabaidh a dà làimh air a h-uchd, agus dh’ amhairc i suas. “Cha do dhì-chuimhnich,” ars’ ise, “tha esan maille rium; tha mo làn earbsa as; tha, tha, mur bitheadh bu truagh da rìreadh mise.” Tharruing mi dlùth, agus le guth co caoimhneil agus cainnt co bàigheil ’s a bha ’m chomas a chleachdadh, labhair mi rithe. Dhùin mi an dorus; leig mi mi féin air mo ghlùinibh taobh a leapa, agus chuir mi suas guidhe dùrachdach as a leth. Tharruing mi a h-inntinn gu caoimhneas a h-Athar nèamhuidh, thug fasgadh dhi an àm a h-airce san tigh anns an robh i. Labhair mi uime san aig nach robh àite far an leagadh e a cheann; labhair mi air toillteannas a bhàis; gràs agus saorsa na slàinte choisinn e; ’iochd agus a ghràdh do pheacaich bhochda; labhair mi air ’ais-eirigh ’s air an eadar-ghuidhe ghlòrmhor tha e deanamh as leth a chuid caorach féin air deas-laimh an Tì a’s airde. Labhair mi mu’n chomh-fhurtair an Spiorad-Naomh; ghuidh mi airson a shòlais, a chul-taic agus a làthaireachd a bhi maille rithe an àm a teinn. Labhair mi rithe mu ghràdh an Tì sin tha faire thairis air an eun a’s faoine tha ’san ealtainn; athair nan dìlleachdan, agus léigh mòr chorp agus anamanna an t-sluaigh. Ann an aon fhocal, labhair mi rithe na shaoil mi bha ceadaichte dhomh a radh ri h-aon air nach robh bheag no mhòr a dh’ eòlas agam, ach gu ’n robh i do réir coslais air leaba a bàis agus fo iomaguin spioradail. ’Nuair bha mi deas gu falbh, shìn i mach a làmh. “Mìle, mìle taing,” ars’ ise. “O ’s mise fhuair am faothachadh! Bha tart air m’ anam, agus thug sibhse dh’ ionnsuidh an fhuarain mi. Bha m’ anam meat air seargadh, ach thainig drùchd gràsmhor air. Tha mi ’n dùil gu faigh mi codal—tha sìth naomh air teachd air mo spiorad. Mise a’ gearan! O! ’m bi mi ’gleachd ’na aghaidh gus an tilg mi an deò? An tig an t-uabhar so gu bràth gu làr? An Tì a’s airde thoirt maitheanais domh!” Thug i fàsgadh càirdeil do’m làimh; agus an déigh dhomh focal no dhà a labhairt, dh’ éirich mi gu falbh. Lean an t-seana bhean mi dh’ ionnsuidh an doruis. “Mìle buidheachas, fhir mo chridhe,” deir ise, “nam b’ aithne dhuit cò i bhiodh tu bàigheil rithe—b’ eòlach ’ur dà athair air a chéile.” Pillidh mi ’màireach, deir mi, ma’s beò mi, g’a h-amharc; ’s cha ’n ’eil bàigh no càirdeas tha ’m chomas a nochdadh dhi nach dean mi. Ciod tha cur oirre? “Tha,” deir an t-seana bhean, “cridhe briste; ach cluinnidh sibh sin ’na dheigh so.” Phill mi mar a gheall mi, ’s fhuair mi Màiri gu mòr ni bu làidire;—bha i comasach air seanachas; agus dh’ fhiosraich mi le sòlas gu ’n robh i eòlach air a Bìobull, air a dleasnas d’a Cruithfhear, agus air obair na slàinte. Fhuair i cothrom maith na h-òige, agus thug deuchainnean, tinneas, agus bochduinn gu trom-mhothachadh i. Bha iomad seanachas taitneach againn. Chinn sinn eòlach air a chéile; dh’ fhosgail i a cridhe rium, agus cha do cheil i uam na bha cur cùram agus bruaillean air a h-anam. “Air son an t-saoghail so,” arsa Màiri, “tha mi sgìth dheth; mheall e mi gu trom; chuala mi iomradh air saoghal a’s fearr,—air saoghal àillidh agus sona, agus air na rinn mo Shlànuighear chum a chosnadh dhomh. Saoilidh mi air uairidh gu bheil mi a’ làn-chreidsinn càirdeas, iochd, agus gràdh mo Dhé; saoileam gu bheil mi tàaruinte, nach ’eil fàth iomaguin: anns na h-amanna sona sin tha seòlainean glòrmhor air am fosgladh dhomh trid creideimh; ar leam gu bheil Dia gu cinnteach agus gun teagamh air bith, ann an sìth ri us’ anam, air sgàth na rinn Iosa, agus na tha Iosa deanamh air mo shon. Agus O! anns na h-amanna taitneach sin, bu mhiann leam sgiathan na h-iolaire bhi agam itealachadh air falbh, agus a bhi aig fois. Ar leam anns na h-amanna sin gur léir dhomh Criosd aig ceann na slighe, a dhuais mhòr ghràis ’na làimh agus a dheaslamh sìnte ’m chòmhdhail. ’Seadh, ar leam gu bheil mi ’g éisdeachd caithream naomh laoidhean àrda nan aingeal, agus am focal àghmhor sin o bheul m’ Athar, Thig, na bi fo eagal, tha do pheacannan air am maitheadh dhuit; bhàsaich Criosd air do shonsa, c’arson tha thu fo eagal? O! thusa air bheag creidimh, éirich agus thig dhachaidh. Ach O! air uairibh eile tha teagamh, a’s amharus, a’s eagal, agus eu-dòchas ’gam bhuaireadh—stad a’ chuisle ard spioradail—tha marbhantachd agus uamhas ’gam ghlacadh. Tha a’ cheist mhòr sin, An gabh Dia ri m’ anam? a rithist a’ dùsgadh oillt. Tha mi ’clisgeadh air m’ ais o’n bhruaich, agus ag éigheach, ‘O! leig dhomh bhi beo.’ So an cor brònach anns a’ bheil mi. Is sibhse h-aon do theachdairibh an t-soisgeil—labhraibh agus éisdidh mi; dh’ fhosgail mi mo chridhe ribh.” ’S ann do theachdairibh an t-soisgeil mi, neo-airidh mar tha mi air urram co mòr, agus so barantas mo theachdaireachd, Imich air feadh an t-saoghail uile, agus searmonaich an soisgeul do gach dùil. Agus ma (Air a leantuinn air taobh 318.) [TD 316] [Vol. 5. No. 41. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, APRIL 17, 1897. A Framboise. Tha cruas a gheamhraidh a nise seachad s tha blàth ’s is aiteamh air tighinn mu’n uairt a dh’fhàgas na ròidean gle dhoirbh gu falbh orra gus an tiormaich iad suas airson rothan, agus ’se ’n neach bu ghlice a ghabh an cothrom fhad ’sa bha iad gu math. Tha moran a’ gearain droch cnatan mu’n cuairt; tha cuid a’ cumail a mach nach e rud sam bith a th’ ann ach an grip dubh, ’s cha ’n eil teagamh sam bith nach eil an rud a th’ ann a gabhail deagh “ghrip” air gu leòr, agus e cho duilich faotainn cuibhteas e ’sa bha ’n t-uan beag geal a bhiodh a leantuinn Màiri a h-uile taobh a rachadh i. Ged a tha droch cùnntas a thaobh cosnaidh a’ tighinn as na Stàitean, tha beagan de ghillean òga a’ falbh as a so air a mhios so gu ruige Boston, far a bheil moran de dh’ òigridh Cheap Breatuinn, ’s cha ’n eil teagamh nach math tha e dol do chuid dhiu. Tha pàirt de ghillean an àite so fhein a faotuinn cosnadh math ann; pairt eile dhiu nach eil; ach tha aon ni gu sònruichte an lorg ghillean òga ’n àite so, agus ’se sin, gur-e fear ro-ainneamh dhiubh a tha pòsadh am Boston nach e te de chaileagan taobh eile an eilein so a tha iad a roghnachadh. Cha ’n eil mi faighinn coire dhaibh airson sin; ’s mi nach eil; ach tha mi saoilsinn gu bheil caileagan air an taobh so fhein cho math ’s cho laghach ’sa gheibheir ’san dùthaich. Ach cha mhor bu bheil cailleach ’san àite, ’nuair a dh’ fharraideas mi dhiubh, “Co da muinntir an te a phòs Dòmhnul ur mac am Boston?” nach freagair, “Co a ghràidhean, ach té a mhuinntir an taobh thall.” Ach ’s coma thall na bhos iad ma bhios iad gu math. Tha taghadh fir-pharlamaid gu bhi againn air a mhios so. Tha ceathrar a ruith airson na siorrachd so, “Richmond,” ’sa h-uile fear gu bhi cho math ’s cho math ma thaghar esan. Cuid dhiubh ’cur an céill gu bheil an dùthaich air a riaghladh gu h-olc, ’s cuid eile a’ cur an céill gu bheil i fo dheagh riaghladh. Tha cuid ag ràdh gu’m bi cìs air a leagadh air siùcar, air tì, is nithibh dhe’n t-seòrsa sin; ach arsa Seònaid mo bhean, ’dith pisich gu robh air an fheadhain a tha, gus cis a leagadh air an ti co-chiu. Tha gu leòir cìs’ oirre aig na marsantan mar a tha, ged nach cuirte ’n còrr oirre.” Ach ’n deigh a h-uile rud ’se ’m fear a b’ fhearr gu riaghladh na dùthcha a b’ fhearr a thaghadh, a dh’ aindeoin na theireadh Seònaid, na dh’ aindeoin na theireadh iad fhéin. Neo-ar-thaing mur a faigh mi iad gu caoimhneil rium fhad ’sa bhios iad a faighneachd mo chuideach-aidh, ach ’nuair a theid latha ’n taghaidh seachad, cha bhi mise ach cam fhathast. April 13, 1896. CEANN LIATH. Uile-lathaireachd Dhe. Tha an Dia uile-chumhachdach làthaireach anns gach àite. Tha e aig mo dheas-làimh; tha e fada air falbh; tha e a’ lìonadh an t-saoghail mu ’n iadh a’ ghrian. Ann an so tha neòinein na machrach a’ fàs, agus tha e ann an so maraon; shuas os mo cheann tha ’ghrian a’ dealradh, agus tha esan ann an sin mar an ceudna. Tha e san oiteig chiùin, tha e san doininn ghairbh; anns an t-solus agus anns an dorchadas; anns an neo-ni a’s faoine, agus anns an t-saoghal mhòr. Tha e sa’ ghleann ìosal so; tha a làthaireachd air mullach nam beann; san uaigneas a’s sàmhaiche san eilean fhàs, agus anns a’ bhaile mhòr. Eisdidh e mo ghuth fann-sa, mar a dh’ éisdeas e ri co’-sheirm nan aingeal a tha le ’n clarsaichibh òir mu’n cuairt d’a chathair rìoghail. ’Se Dia nan ard-aingeal e agus is e mo Dhia-sa e. Eisdidh e ruinn le chéile; agus bheir e éisdeachd, mar an ceudna, do cheòl na h-uiseige, agus do shrann an t-seillein ag iadhadh mu na blàithibh maoth. O! thusa a Dhé uile-làthaireach! éisd rium agus freagair mo ghuth; na ceadaich dhòmhsa gu bràth a dhì-chuimhneachadh gu bheil mi fo bheachd do shùl, anns gach àite agus air gach àm. Cuidìch leam mi féin a ghiùlan mar ann ad làthair; chum agus an uair a ghairmear mi, le coimhthional an t-saoghail gu léir fa chomhair mo Bhreitheimh, nach h-éiginn domh teicheadh o làthaireachd an Ti a’s àirde. Tha bragh no briseadh mach ’nan beanntaibh teinntidh ro eagallach. Dhiubh sin bha bragh na beinn Tomboro, air innis Sumbama, ’s na h-Innsibh Shios, ’s a bhliana 1815. Chualas am fuaim an eilein Sumatra corr a’s mile mhiltean air astar. Bha an luatha a thilgear amach bho mhullach fàs na beinne, a tuiteam cho trom, da fhichead mile air astar ’s gun do leag i taighean. Bha i tuiteam cho dlùth rathad eilein Iabha, tri cheud mile air asdar, ’s gun d’rinn i dorchadas mar mheadhon oiche. ’S a bhliana 79, dh’annlaig an sruth loisgeach a bha ruith o bheinn Bhesubhiuis, bailtean Pompeii, Herculaneum agus Stabiae, gu doimhne eadar tri fichead a’s ceud troidh, far am bheil iad gus an diugh. ’S a bhliana 1660, thilg beinn mhor Etna, an Sisili, amach, de charraig leaghta, tuille a’s fichead meud na beinne gu léir. An 1783, thaom da shruth loisgeach o bheinn Scaptar Iocul, ’s an Eilein Uaine, aon diu leth-cheud mìle air fad agus da mhìle dheug air leud, agus an t-aon eile da fhichead mile air fad, agus seachd mile air leud, a’s mu cheud troidh air dhoimhnead. STOR UR TAILLEARACHD, Aodaichean Matha dhe gach seorsa, Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair, MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 317] [Vol. 5. No. 41. p. 5] NAICHEACHDAN. Tha Sir Domhnull A. Smith an deigh còig mile dolair a thoirt seachad air son Reiseamaid Ghàidhealach a thogail ann an Ottawa. Tha tuathanaich Ontario ag obair gu trang air a’ churachd. Tha mòran sìl air a chur cheana. Tha ’n aimsir gu math na ’s traithe an sin na tha i anns na mor-roinnean iseal so. Thatar a’ togail laimhrig ùr mu choinneamh an tigh-òsda “Cabot.” Tha am bàta-smuide Hygeia gu bhi deanamh a ceann-uidhe aice ’nuair a thòisicheas i ri ruith eadar so us Sidni Tuath. ’Fhuaireadh meinn òir a tha anabarrach beairteach ann an Columbia Bhreatunnach o chionn ghoirid. Thatar a toirt fiach ceithir mile deug dolair de dh’ òr as a h-uile tunna de stuth a thatar a cur a mach aisde. Fhuaireadh roinn mhor de dh’ airgead-meallta ann am Brantford, an Ontario, o chionn ghoirid. Chaidh luchd-rannsachaidh a chur a mach agus fhuaireadh iadsan a bha ’ga dheanamh. Bidh clach us aol mu’n srònan-san fad deich no dusan bliadhna. Chaidh tigh-òsda ’na theine ann am baile an Texas, oidhche air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha e air a losgadh gu làr. Bha leth-cheud ’sa dha anns an tigh aig an àm, agus dhe’n àireamh sin tha seachd duine deug air nach eil sgeul; a reir gach coltais chaidh iad sin uile a losgadh gu bàs. Bha còrr us ceud gu leth mile dolair air a chur cruinn ann an Canada air son cuideachadh le sluagh nan Innsean. Cha’n eileas ag iarraidh a’ chòrr an dràsda, oir tha de dh’ airgeadh a nise cruinn na riaraicheas biadh air an t-sluagh bhochd gus am fàs am bàrr aca fhéin. Shil uisge gu leor air an earrach so anns an dùthaich sin, agus tha h-uile coltas air gu’m bi deagh bhuain aca. Bha latha ’n Ainmeachaidh gu math stoirmeil aig a dheireadh ann an Sidni. Bha moran òil a’ dol air adhart, agus bha sabaidean gu leòr ann mu’n àm a bha na carbaid-iaruinn a’ fàgail a bhaile. Cha’n eil sinn a’ faicinn gu bheil na h-òraidean a liubhrar air latha ’n Ainmeachaidh a’ deanamh feum sam bith, agus tha fhios againn gu ’m biodh roinn mhor gle dheònach sgur dhiubh gu buileach. Shaolamaid nach biodh duine na bu toiliche air sin a dheanamh na iadsan aig am bheil ris na h-òraidean a liubhairt. Cha robh soirbheachadh math sam bith leis na soithichean a bh’ aig Newfoundland a mach ag ìasgach nan ròn air an earrach so. Thatar ag radh nach b’ urrainn an t-iasgach a bhi moran na bu mhiosa. Fhuair da shoitheach a chaidh a mach tràth ’san earrach luchd math, agus uime sin bha dòchas gu ’m biodh soirbheachadh math leotha air fad; ach mheall sin orra gu dona. Cha ’n e mhàin gu robh iasgach nan ròn cho dona sin, ach tha prios an truisg anabarrach iseal, air chor ’s nach eil, a reir coltais, ach droch bhliadhna roimh mhuinntir Newfoundland. Cha dean math dhuinn a dhio-chuimhneachadh gu bheil an dùthaich anns a’ bheil sinn fhéin a’ fuireach, ’na dùthaich anns am bheil moran òir, ged nach eil e buileach cho pailt innte ’sa tha e an Columbia Bhreatunnach ’s an dùthchannan eile air an cluinn sinn iomradh. Tha meinn ann an Carribou, faisg air Halifacs, as an d’ thugadh fiach còrr us tri mile gu leth dolair de dh’ òr air a mhios so ’chaidh, agus cha do chosg sin ach naodh ceud dolair ann an obair. Chaidh fear de na daoine bha ’g obair innte a chur an greim o chionn ghoirid air son a bhi ’goid an òir: thatar a’ deanamh a mach gu ’n d’ thug e leis roinn mhor dheth mu ’n d’ fhuaireadh a mach e. Tha a’ churachd beul rì bhi ullamh ann am Manitoba: bha ’n aimsir mu che’-la-deug air thoiseach air mar a b’ àbhaist dhi bhi bliadhnaichean eile. Seachdain o’n Di-màirt so ’tighinn, bidh fear-pàrlamaid ri thaghadh ann an tri siorrachdan, Winnipeg‘ ann an siorrachd Prince, ann am baile E. P. I., agus an siorrachd Macdonald. Tha an t-side air tionndadh beagan na’s briagha. Bha Dior-daoin ’na latha eireachdail. Tha na ròidean dona; cha ’n eil rathad sleighe ann ’s cha mho a tha iad freagarrach air son charbadan. Tha F. D. Laurie, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais ’na fhear-riaghlaidh air an rathad-iaruinn (I. C. R.) anns a’ mhor-roinn so, air a chur as an dreuchd sin, agus fear J. T. Rhind, á New Glasgow, air a chur ’na àite. Chaidh triùir dhaoine a thoirt air falbh á baile Winnipeg, o chionn ghoirid, air am bheil an luibhre, agus chaidh an toirt gu Tracadie, N. B., far am bheil tigh-lobhar. Tha na daoine a mhuinntir Iceland, far am bheil an galair mosach sin gle chumanta. Chaidh giomach a ghlacadh air cladach te dhe na Stàitean a Tuath o chionn ghoirid, a tha tri troighean us sia òirlich a dh’ fhad, agus a tha aona punnd deug air fhichead a chudthrom. Thatar a deanamh a mach gur e giomach a’s motha air an d’ rugadh riamh. Tha e beò fhathast, agus tha e ri bhi air a chumail ann an tigh-ioghnaidh am baile New York. Bha tuathanach ann an ceàrna de stàit Georgia ag obair air treabhadh o chionn ghoirid, agus bhuail an crann air soitheach a bha air a thiodhlacadh fo chloich. Bha leac tana de dh’ iarunn air a chur air beul an t-soithich, agus bha deich mile dolair de dh’ òr ’na bhroinn. Bha a’ phàirce anns an d’ fhuaireadh an t-ionmhas so fo bhàrr o chionn iomadh bliadhna. Bha ’n t-àite ’n robh an soitheach am falach air a chomharrachadh a mach le cuairt de chlachan beaga a bha timchioll air. ’S iomadh geall neònach a bhios daoine ’cur aig àm taghaidh; bha duine ann an fear de bhailtean nan Stàitean a dh’ aontaich mur biodh Bryan air a thaghadh mar cheann-suidhe air na Stàitean gu ’m marcaicheadh e air muin muileid eadar an Cuan Atlantach ’s an Cuan Ciùin, astar tri mile, no còrr, de mhiltean. Chaill e an geall, agus tha e nise air an t-slighe. An la roimhe bha aig duine ann am Montreal, a chaill geall a thaobh an taghaidh ann an siorrachd Champlain, ri rud a dheanamh a bha cheart cho gòrach, ged nach robh e cho doirbh. Bha aige ris an fhear a choisinn an geall a ghiùlan ann am bara-roth astar àraidh air an t-sràid am fianuis na thogradh sealltuinn orra. Bha ’m fear a bh’ anns a bhara a’ cumail suas bratach mhor; leis a bhrataich sin thilgeadh an ad bhar an fhir a bha cuidhleadh, agus air dha ’feuchainn ri ’togail chaidh am bara thairis ’s thilgeadh am fear eile mach an eabar na sràide. Thug iad spòrs gu leòr do ’n luchd-amhairc, ’s cha robh fhios co bu toilichte ’na inntinn a’ dol dhachaidh. Ceannsaichidh a’ h uile fear an droch bhean ach am fear aig am bi i. Cho sgìth ’s bha an gobha d’ a mhàthair ’n uair a thiodhlaic e seachd uairean i. Ionnsuich do d’ shean-mhàthair brochan a dheanamh. “Fear dubh dàna, fear bàn bleideil, Fear donn dualach, ’s fear ruadh sgeigeil.” “Fear falamh ’s e gun nì. Suidhidh fada sìos o chàch Air meud a’ bheus dhe ’m bi ’n a chorp ’S iomadh lochd a gheibhear dha.” C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail thoirt dha. [TD 318] [Vol. 5. No. 41. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 315.) tha thu feòraich ciod e an soisgeul, innsidh mi sin duit ann an cainnt aingeil o nèamh. Feuch (ars’ an t-aingeal, Lucas ii. 10,) a ta mi ag innseadh dhuibh deadh sgéil mhor-aoibhneis, a bhitheas do’n uile shluagh: agus ciod e an deadh sgeul, no an soisgeul, a bh’ aig an teachdaire ghlòirmhor? Rugadh dhuibh an diugh Slànuighear—Slànuighear o pheacadh, o ifrinn, agus o thruaighe. Agus cò e thainig air turus an àigh? “Criosd an Tighearna,” Dia air ’fhoillseachadh san fhèoil. Dhuit-sa tha an Slànuighear so air a bhreith-dhearbh e ’na bheò-shlainte cò e le ’ùmhlachd do thoil Dé—le toillteannas a bheatha agus ìobairt a bhàis—le ’aiseirigh agus le ’eadar-ghuidhe aig deas-làimh an Athar, choisinn e beatha shiorruidh dhuit-sa agus dòmhsa, agus do gach aon air feadh an t-saoghail a chreideas ann, a dh’ earbas an anama ris, agus a tha air an co-éigneachadh a bhi beò dhasan a ghràdhaich iad agus a bhàsaich air an son. Creid ann, agus bithidh tu air do thèarnadh; earb as, agus cha mheallar thu. So gealladh Dhé; dhuit-sa tha an gealladh so air a dheanamh; earb ann—tha e sgrìobhta le peann siorruidh—air a thoirt seachad fo bhòid nach fàilnich. Tha fasgadh mu d’ choinneamh—teich d’a ionnsuidh; ’se do bheatha—do làn bheatha; thig mar a ta thu—thig a nis—na bi fo amharus—is e t’ Athair féin tha ’gad ghairm—tha e ann an réite riut—fhuair e fein ìobairt air do shon. Thoir an aire nach cuir thu teagamh ann an Dia, agus nach creid thu nàmhaid t’ anama ’roghainn air; oir ’s esan tha dùsgadh an amharuis thruaigh tha ’gad chumail o uchd t’ Athar. Thog Màiri a sùilean ri nèamh, a’s phaisg i a dà làimh air a h-uchd. “Tha mi ’n dùil,” ars’ ise, “gur è. A Thighearna tha mi creidsinn; neartuich thusa mo chreidimh. O! gu’n deanadh an spiorad naomh gach amharus agus teagamh fhuadach, agus gu’n tugadh e dhòmhsa làn earbsa làidir shocrach a charamh air toillteannas mo Thighearna, air obair na saorsa!” Thubhairt mi rithe gu ’m b’e sin miann Dé—glòir a thabhairt dhà le earbsa as. Air falbh mata le t’ amharus agus le t’ eagal; tha t’ eagal a’ fuarachadh do ghràidh, tha so a’ pasgadh a suas sgiathan a’ chreidimh a tha togairt sgaoileadh a mach agus itealachadh air falbh. Earb mata ann am focal, ann an gealla Dhé, agus dean uaill san t-Slànuighear. Bochd, mi-airidh, truagh, peacach, mar tha thu, creid; agus abair, Bhàsaich Criosd air mo shon-sa, agus is leam e—’s leam an ìobairt réite thug e seachad—air mo shon-sa tha e beò, agus a’ deanamh eadar ghuidhe shuas ann an nèamh. Abair, ’si so acair m’ anama tha air a tilgeadh fada stigh do’n ionad naomh; agus ged tha ’n t-eithear beag, breòite, air a luasgadh, ’s air a h-udal air aghaidh nan uisgeachaibh ann an latha na gaillinn agus ann an oidhche ’n dorchadais, gidheadh cha ’n eagal di. Cha ’n eagal bonn: oir tha ’n acfhuinn ris am bheil i ’n earbsa co-cheangailte ri Righ-chathair Dhé—an acfhuinn luachmhor nach fàilnich a chaoidh! Tog do ghuth mata, maille ris an t-Salmadair, agus seinn le caithream taingealachd: O m’ anam, c’ uime leagadh thu Le dìobhail misnich sìos? A’s c’uim’ am bheil thu ’n taobh stigh dhìom Fo thrioblaid a’s fo sgìos? Cuir dòchas daingeann ann an Dia, Oir fathasd molam e; Air son na furtachd a’s na slàint’ Thug dhomh o ’eudan réidh. Fhuair Màiri sòlas. Ged a b’e meadhon a’ gheamhraidh a bh’ ann, bha e dhise mar mheadhon an t-samhraidh agus àm seinn nan eun. Dheònaich am Freasdal caomh a beatha shìneadh a mach; chunnaic mi i gu tric na dheigh so, ’s bha i ann an staid shàmhach, shìochail, shona. Bha i ann an caitheamh thròm, a’ sìoladh as o latha gu latha. Chunnaic mi nach robh ’n t-àit anns an robh i freagarach—’s i ’n éiginn chruaidh thug air a bhana-charaid bhochd a cur ann —cha robh aice na chumadh ’na seòmar beag féin i—chosg i na bh’ aice air aghaidh an t-saoghail, ach dol a dh’ iarraidh na déirce cha b’ urradh dhi. “Thoir air a h-ais i,” arsa mise, “agus na biodh aon ni a dhìth oirre tha freagarach, feumail air a son. ’Sa ’bhaile-mhòr so tha sporan nan Gàidheal furasd’ fhosgladh; cha robh snuim chruaidh riamh air, ’s bean-dùthcha no fear-dùthcha ’n aire. Thoir air a h-ais i, arsa mise, dh’ ionnsuidh do dhachaidh féin, agus gheibh sinn mun teid a’ ghrian fodha ’nochd, na dh’ fhòghnas. Gheibh—’s cha chluinn càch co dha tha sinn ’ga iarraidh, na cò bha ’nan airc.” Thug so fuasgladh mòr d’a cridhe, ged dh’ fhàs i co lag ann an latha no dhà ’s nach deachaidh againn air a gluasad. Latha dhomh le bean-dùthcha cheanalta bhi ’ga h-amharc, ’s i mòran ni bu làidire, dh’ innis i dhomh a h-eachdraidh, agus oidheirpichidh mi a toirt seachad ’na cainnt bhlasda féin. (Ri leantuinn.) Uilleam Mac Dhun-leibhe. Am measg bhàird an latha so agus bhàrd nan linntean a dh’ fhalbh is tearc iad (a’ cumail a mach Sheumais Mhic a’ phearsain) a rinn dàn-mór no sgeul-dhàn. Is tearc iad a thug oidhirp air. Am measg phìobairean tha fear an so ’s an siod aig nach ’eil tlachd an ceòl air bith ach ceòl mór. ’S ann mar sin a bha Uilleam Mac Dhun-léibhe, am bàrd Ileach air am bu mhaith leam iomradh a thoirt an uair so. Bu shuarach leis òran-seinn no duanag; cha deanadh na ’s lugha na dàn-mor an gnothach. Bha e ’na dhuine iongantach, ach neònach. Bha a ghradh d’ a dhùthaich cho teth ’s nach leigeadh e leis math air bith fhaicinn an cinneach coimheach—gu sònruichte anns na Sasunnaich. Na ’m bu bheò e an latha ’n diugh nach esan a bhiodh ’na charaid dlùth ris an t-saoi sin Theodor Napier! ’S ann aige-san bhiodh an duais air-son an dàin a ’s feàrr air Blàr Allt-a’-bhonnaich gun teagamh ann. Bha fuath mor aige do na Sasunnaich; ach cha do chum sin air falbh e o bhi ’g ionnsachadh an cànain agus o bhi ’tagradh cùisean nan Gaidheal innte. Mar bhàrd bhe e an comain nam bàrd Sasunnach; oir tha e soilleir gu leòr gu ’n do leugh e bàrdachd nan Sasunnach agus nan Gall le mor chùram, agus le buannachd nach bu bheag dha féin. ’S e Ileach a bh’ ann; ach ’s e Gaidheal air thoiseach a bh’ ann, agus Ileach an deigh sin. Is duilich leam a ràdh nach ’eil sin ri ràdh mu deighinn moran an diugh. Tha na Cataich, na Leòbhasaich, na Sgiathanaich, na Muilich, na Rosaich, na Nisich, na Lathurnaich, na Comhalaich; na Dòmhnullaich, na Leòdaich, na Frisealaich, na Tòisich, na Griogaraich, na Leathannaich na Caimbeulaich, ’s na Camshronaich ’nan sgaothan lionmhor, ach feumaidh sinn na cùiltean a rudhrachadh air son nan Gaidheal. Bha Uilleam Mac-Dhun-léibhe ’na Ghàidheal, ach ’s e bha ’ga mhilleadh, gu ’n robh e a’ leughadh nan sean eachdraidhean agus ’gan creidsinn, gun tomhas ceart a chur orra. Tha iad beò a bha nan càirdean do Uilleam air am faodamaid an t-iomradh ceudna a thoirt. Bu mhiann leò bhi ’cumail suas nan Gaidheal le bhi ’tionndadh an aire air ais gus na làithean anns an robh ceannas aig na Gaidheal air an dùthaich gu léir, ’nuair a bha a Ghàidhlig a’ buadhachadh o dheas gu tuath an Alba. Is fear leam sin, mi féin, na bhi cumail beò gamhlais nan sean fhineachan. Ach is feàrr leam an fhìrinn na an dà dhiubh. B’ fhearr leam gu ’n robh na Gaidheil ceart mothachail air an cor féin air an latha ’n diugh—ni nach eil iad. Tha mi a’ creidsinn gu ’m bheil neart agus cumhachd anns a’ Ghaidheal a thaobh inntinn ’us cuirp a tha ’dol a dholaidh an àite bhi ’fàs agus a’ leudachadh, agus gur e a tha coireach moladh leis an dàrna fear agus càineadh leis an fhear eile gun an fhirinn bhi aig aon diubh. ’S e a ’bhuil gu ’m bheil cuid de na Gaidheil a ’bolgadh gu sgàineadh le uaill agus feadhainn eile a’ seacadh le nàire. Cha ’n ’eil so fallain. Ciod i an fhìrinn mu dheighinn nan Gaidheal a bh’ ann? So i am briathran gann: bha iad math agus olc, làidir ’us lag, glic agus amaideach, glan agus salach, treun agus gealtach, tapaidh ’us leisg, caoimhneil ’us thùthail, truacanta ’s an-iochdmhor, aigeantach agus maol-sneachdach agus mar sin air aghart. Tha Gaidheil an latha ’n diugh mar an ceudna. ’S e sin ri radh, cha ’n eil iad uile mar bu chòir daibh. Gach duine a tha ’g aideachadh sin, tha dleasnas aige a thaobh a luchd-dùthcha. Ciod e an dleasnas? So an dleasnas. Bhi ’deanamh nan olc math, nan lag làidir, nan amaideach glic, nan salach glan, nan leisg tapaidh agus mar sin air aghart. Tha iomadh dòigh ann air bhi deanamh sin, ach tha mise cinnteach gu ’m bheil aon ni ann nach toil-cuideachadh ’sa chùis. Cha dean dearmad na Gàidhlig an gnothach. Cha ’n [TD 319] [Vol. 5. No. 41. p. 7] ’eil mòran a tha r’a sheachnadh an litreachas nan Gaidheal. Am beagan a th’ann deth, tha e fallain. Cha ’n urrainn do shluagh air bith an cànain féin a chall gun a bhi ’call meas orra féin troimh iomadh linn. Is call mòr sin. Am fear a tha ’call meas air féin is duine e nach gabh nàrachadh. An duine nach gabh nàrachadh, is duine olc e, agus tha e an cunnart bhi ’dol sios gu buileach. Cha ’n ’eil duine fìor-olc a ghabhas nàrachadh: gabhaidh e togail an àird a rìs. Ach ciod an gnothach a th’ aig so ri bàrdachd Uilleam Mhic Dhun-léibhe. Tha gnothach mòr. Ma ’s math leinn litreachas nan Gaidheal a bhi buadhachadh, cha ’n urrainn duinn na ’s feàrr na bàrdachd Uilleam a leughadh. Cuiridh e mòran ri ar n-eòlas air a’ Ghàidhlig agus bheir e cuideachadh dhuinn ann a bhi ’ga cleachdadh air dòigh na’s fileanta na tha ra cluinntinn air an latha ’n diugh aca-san aig am bu chòir cainnt fhileanta a bhi—na ministeirean agus na maighstirean sgoile. Tha e a’ cur ioghnaidh nach beag orm gur urrainn do chuid de na ministeirean bhi ’seasamh anns a’ chrannaig agus a’ feuchainn ris a’ Ghàidhlig a labhairt no a leughadh gun an dearg nàire bhi orra—daoine a fhuair rud ris an abair iad foghlum anns na h-oilthighean agus nach aithne dhoibh a’ chànain Ghàilig a labhairt na ’s fileanta na gille an stàbuill—agus gu bitheanta ’s e ’n gille a’s fileanta labhras na am ministeir. C’arson a tha so mar so? ’S e ’n t-aobhar a’s mo gu ’m bheil na ministeirean sàsaichte le bhi ’leughadh a’ Bhìobuill agus a’ searmonachadh anns an t-seann dòigh gun a bhi ’leughadh leabhair air bith eile no a’ cleachdadh bruidhinn air cùisean an t-saoghail mu ’n cuairt. Tha cuid ann diubh aig nach eil fios gu ’n robh a leithid de bhàrd ann ri Uilleam Mac Dhun-léibhe. Tha cuid ann aig am bheil fios air sin ach nach ’eil a’ saoilsinn gu ’n deanadh e dad de mhath dhaibh bhi ’ga leughadh. Bha Uilleam ’na thàillear nach d’ fhuair mòran sgoile ach na chnuasaich e féin, ach cuiridh mi geall nach eil còig ministeirean anns a’ Ghaidhealtachd d’ an urrainn a’ chànain a tha iad a’ faighinn tuarasdail mhath air son a searmonachadh, a chleachdadh cho math ris. Thugadh iad fainear mar a thòisicheas e an dàn fada sin a rinn e air Blàr Shunadail, a tha ’cur iomraidh air cogadh nach robh idir ann eadar na Lochlunnaich agus na Gaidheil. BLAR SHUNADAIL. A Shùnadail a’ chladaich bhearnaich, Ged ic corrach glas do shlios, ’S ged nach robh thu tric an saothair nam bàrd, Mu ’n teirig do sgeul creiche ’s blàir Bidh tu measg chàich ’gad iomradh. Do rudna ciar-dhubh, biadhadh nam bàirneach, Sguabte, bàithte—’s co[?]d’ an ioghnadh— ’Nuair a shéideas Ealasaid a fuaradh, A’ sguabadh tonnan Chaolais-Bhranndain; Mullaichean mara le stoirm faoiltich A chunnaic mi o thaobh Dhun-leabhair, Onfhadh na doimhne salainn A’ stealladh mu d’ cheann gun sgìois, A’ tuiteam ’s a’ direadh mu seach Trom mhòthar slachdraich stuadhan fairge A’ criothnachadh do charaigean cléiteach, dubh, Air nach laidh dus a’ Mhàirt. Cò nach sireadh do ghlacan uaine A chunnaic aon uair iad ’Nan culaidh shamhraidh! Cruitheachd nan lusan, mar gu ’m b’ ann strìth Co ’s rìomhaiche a sgeadaicheas Gach isleach ’us bruach, O tholman nead na h-uiseig Gu aisridh doireachan nan earb! Do ghleanntan coillteach far an cluinnear Na mìltean iteach fo dhuilleach Nan crann cùbhraidh, air bruachan Nan sruithean nach traoigh, A’ taomadh an uchd do thràgha A tha nis am measg chàich an iomradh. So agaibh earann de òraid Ghargain, aon de na Lochlannaich, air do ’n righ Lochlannach comhairle iarraidh air. Aig do sheirbhis mar mo chomas Ach ’s deacair an comharadh sin amas; ’S fior gu ’n do thog sin creach na h-Eireann ’S nach d’ fhàg sinn aon a dh’ innseadh sgeul air; Bha ’n tuagh a’ sracadh sgrath an càirean, ’S am fòid lasrach ris gach fàrdach; Cha d’ fhàg sinn mart air beinn no faiche, No each no làir a dh’ fhàs an seiche; Theich na h-Eireannaich a’ sianail Gu bonn an speur ’s ni b’ fhaide dh’ iarradh! ’S an uair ghabh iad an casan mar urras, B’e ’m port ciuil “Cha till sin tuille.” Ach ’s meallta so a thoirt mar shamhladh Air Gaidheil laochail na h-Alba. Ma theid thu rùisgte troimh thom droighinn, ’S coiseachd cas-lom air preas cuilinn, Cadal gun léin’ air an fheanntaig, ’S racadal itheadh gun draing ort, ’S fhusa dhuit siod na dol a spionadh Friodhan stàilinn Chinn-tire. Tha coig ceud deug sreath anns an dàn so, agus mar sin cha ’n fhaod mi a sgriobhadh air fad. Na ’n robh an cothrom agam sgriobhainn le mor thoilinntinn e, oir is taitneach e mar sgeul, gun ghuth idir air a bhuaidh mar bhàrdachd.—“C. M. P.” ’sa Highland News. Cha ’n e ’n sùgradh do dhuine bhi gun mhnaoi ann an Argentina, an ceann a deas America. Duine sam bith a tha os ceann fichead bliadhna dh’ aois, agus nach eil pòsda, tha ùbhladh ’ga chur air da uair ’sa mhios gus am faigh e bean. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4. ’95; [TD 320] [Vol. 5. No. 41. p. 8] Oran na Buaile. LE UILLEAM MAC DHUN-LEIBHE. Chaidh gruaim nan siantan a chadal Tha fé air talamh ’s air cuan, Choisg gaoth fhuaraidh na gailliann Gu sìth a h-anail o thuath; Tha neòil shoilleir na h-iarmailt A’ sgaoileadh cian air an cuairt, ’S a’ pògadh gathan na gréine ’Chu[?] blàth ’s a’ Cheitein a nuas. Thàinig fosgladh nam blàithean ’S tha lusan àillidh nan raon Ag [?]adh dithreabh nam beann ’Us sraithean ghleann air gach taobh; Tha [?]-chruitheachd ’na maise, ’S [?]air faichean le ’n laoigh; Gach iulach uain air a chòmhdach Le breacnaich neoinean fo bhraon. ’S a[?]ar ioghnaidh an sealladh Mu ’n cuairt air lagan a’ chrò, Do[?] chùbhraidh nam meangan Ma ’n iadh ’sa mhaduinn an ceò, Le braonach Cheitein ’ga criaradh O chirbean liath-ghlas an neòil; ’Us éiridh lòchran na soillse ’Cur gean air maighdinn nam bò. A dh’ fhaicinn trusgan an fhàsaich ’S bruthainn àigh a’ dol suas, Taisgeach beath’ o na dùilean, Falluinn smùidreach nan cluan, Anail thlusmhor na h-àile, Treòir cinneis, nàmhaid an fhuachd, ’S glòir an athar na h-éideadh A dìreadh treun air a cuairt, Ceòrach bhlàth o na speuran A fliuchadh réidhlein ’us chruach, ’Cur neart fàs anns an dusluinn ’Nuair thilleas ùin’ air a cuairt, A dh’ aiseag feartan na grèine Nach urrainn eucoir ’thoirt uainn, Ged dh’ fhogradh laochraidh nan garbh-chrioch Le fòirneart searbh thar a’ chuain. “In Memoriam.” EADAR-THEANGAICHTE O BHEURLA ALFRED TENNYSON, LE A. D. MAC-NEILL, ORANGEDALE. A Mhic Dhe threin, bidh gràdh bith-bhuan, A mhain ad ionnsuidh thig sinn dlùth Tre chreideamh o nach faic sinn thu Ag earbsa ’nuair tha dearbhadh uainn. Na reultan ’s leats’ le ’n soills’ is sgàil, ’S tu ’chuir an duine ’s beathach deò, ’S tu rinn am bàs, ’s an claigionn beò A rinn thu, pronnaidh tu le d’ shàil. Cha ’n fhàg thu sinn ’san dus. Le d’ neart ’S tu duine rinn, car son gun fhios, Tha earbs’ aige nach ann gu sgrios, Is tusa rinn e ’s tha thu ceart. Tha thu mar Dhia is dhuine, ’s leats’ An daonachd ’s naomha ’s àirde, sar. Is leinne ar toil eun fhios ciamar Is leinn ar toil gu deanamh leats’. Air systems bheaga chi an còir Do làithean, chi us theid á bith; Cha’n eil annt’ Uats’ ach soluis bhrist‘ ’S na iadsan tha iad tuilleadh ’s mor. Is leinne creideamh anns a chàs A mhain, oir ’s eòlas sealiadh sùil; Ach earbaidh sinn gur Bhuats’ ar dùil Caol-dhearrs’ an dorcha. Biodh e fàs. Biodh eòlas ’fàs o la gu la, Ach bitheadh tuilleadh urraim ann, ’S gu ’m biodh an t-anam os a’ cheann Gle chòrdt’ ri aon cheòl mar a bha. ’S ni motha sinne, chlann gun chiall Ni fanaid ort, ’s nach toir ort feairt, Ach thoir do d’ mhuinntir ghòrach neart ’S do d’ shaoghail gu seas ri d’ shoills’, a Dhia. Math dhomh an ni mo chionta b’e ’S an ni o thùs mo luach am bheachd, Oir mairidh luach o neach gu neach ’S cha ’n ann o neach ad ionnsuidh s’ Dhé. Math dhomh mo bhròn ’son neach a dh’ fhàg; Do chreutair fhuaireadh leam cho briagh: ’Se m’ earbsa’ gu bheil e beò an Dia ’S mar sin na ’s toillt’naich’ air mo ghradh. Math dhomh an ràn so ’claonadh tric, ’Se troimhe-chèile òige struidht’; Math dhomh e far ’m bheil d’ fhirinn claoidht’ Us ann ad ghliocas dean mi glic. Ho-ro mo Nighean Donn Bhoidheach. LUINNEAG. Ho-ro mo nigh’n donn bhòidheach, Hi-rì mo nigh’n donn bhòidheach, Mo chaileag laghach, bhòidheach, Cha phòsainn ach thu. A nighean donn nam blàth-shul, Gur trom a thug mi grain dhuit; Tha t’ iomhaigh, ghaoil ’us t’ àilleachd, A ghnàth tigh’nn fo m’ ùidh. Cha cheil mi air an t-saoghal, Gu bheil mo mhiann ’s mo ghaol ort; ’S ged chaidh mi uait air faondradh, Cha chaochail mo rùn. ’Nuair bha mi ann ad làthair, Bu shona bha mo làithean— A’ sealbhachadh do mhànrain, ’Us àille do ghnùis. Ach riamh o’n dh’ fhàg mi t’fhianuis, Gu bheil mi dubhach, cianail; Mo chridhe trom ’ga phianadh Le iarguin do rùin. ’S ann tha mo rùn ’sna beanntaibh, Far bheil mo rìbhinn ghreannar, Mar ròs am fàsach shamhraidh, An gleann fad’ o shùil, Ach ’nuair a thig an samhradh, Bheir mise sgrìob do’n ghleann ud, ’S gu ’n toir mi leam do’n Ghalldachd, Gu h-annsail, am flùr. ’S trian oibre tòiseachadh. ’S labhrach na builg fhàs. Tapan gòraig air cuigeil crìontaig. Buinigear buaidh le foighidinn. Fada o’n t-sùil, fada o ’n chridhe. Beul a labhras, ach gnìomh a dhearbhas. ’S olc a’ chreag a thréigear le ’h-eòin féin. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 321] [Vol. 5. No. 42. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 24, 1897. No 42. Mu Sheann Sgeulachd. Liùbhradh an òraid a leanas leis an Oillear Mac Fhionghain, air an fhicheadamh latha dhe ’n Mhàrt, aig coinneamh bhliadhnail Comunn Ceilteach Oil-thigh Dhun-Eideann, air am bheil e-féin na Cheann-suidhe Urramach. Chaidh gabhail ris an òraid gu math, agus fhuair an t-òraidiche taing chridheil o’n Chomunn air a son. “CHI MI SIN ACH FUAIGHIDH MI SO.” So an fhreagairt a thug tailleir na Manachainn do’n Bhòcan, a dh’ amais air ’an Eaglais Chille-Chriost. Gheibhear an sgeul ann an Leabhar Shean-fhacal Mhic Neacail nach maireann (t. d. 136.) Nach fhaodar fheoraich dé a ghnè inntinn leis am bu chòir dhuinne sealltainn air seann sgeulachdan ’s air Uirsgeil de’n t-seorsa so. Tha fhios againn air beachd Charsewell, Easbuig Earraghaidheil, mu ’n timchioll. Mheas esan iad mar nithean “diomhaineach, breugach, saoghalta.” Agus ged a bha daonnan am measg ar luchd teagaisg iarmad aig an [?] ceol na [?], tha e duilich ri aideachadh gu ’n robh a’ mhor chuid dhiubh de ’n aon bheachd ris a’ Charsalach. O shean bha daoine a’ gabhail seann sgeulachdan an t-sluaigh mar eachdraidh a’ bha uile fior. Leugh is dh’ eadar-theangaich na seann sgoilearan Gaidhlig sgeulachdan na Gréig ’s na Roimh, euchdan Ireuil, Iasoin is Æneais, ach chuir iad an neo-ar-thaing uiread meas air sgeulachdan ’s air euchdan an curaidhean fhein. Ach ’n ar measg-ne o chionn iomadh bliadhna bha Litreachas de’n t-seorsa so air a chur sios mar faoin is cronail. ’N ar latha-ne tha ar Sgeulachdan air an leughadh leis na sgoilearan a’s àirde cliù, cha’n ann mar eachdraidh fhior, no idir mar sheanachas gun bhrìgh, ach mar ionmhas a ghleidh beò, am measg iomadh ni air bheag feum, an sid s an so, gràn is luachmhoire na’n t-òr. Tha na Sgeulachdan Gaidhlig ’s an rathad so ro fhiachail, agus tha an luach a nis air aideachadh. Tha iad de dh’ iomadh seòrsa. Tha a’ mhòr chuid dhiubh mu’n t-seann t-saoghal air am bu toigh leis na Gaidheil riamh a bhi sealltainn air an ais le sòil ro-bhlàth. Tha iad a’ gleidheadh air chuimhne a bheag no mhòr de bheul-aithris an t-sluaigh mu eachdraidh ’s mu chreideamh an stuic o’n d’fhàs iad. Mar thuirt Oisean no MacMhuirich “Cha ’n fhaicear ach caol na bh’ ann;” ach is ann ri leus na Sgeulachd is fhearr a’s lèir dhuinn am beagan a tha nis ri fhaicinn. ’N an cainnt dhoilleir chi am fear d’ an léir an Gaidheal ag itheadh ’s ag òl, ’na shuidhe ’s na luidhe, ag obair ’s ’na thàmh, ri cogadh ’s ri suiridh, iomadh ceud bliadhna mu’n do sgriobhadh Eachdraidh. Tha roinn de na sgeulachdan cosmhuil ri Uirsgeil Aesoip ’s a’ Ghréig no ri cosamhlachdan an t-sluaigh anns gach àite. ’S ann diubh so Sgeul an Tailleir. Rinneadh an toiseach iad air son teagaisg. ’S e gnè de Shearmoin a tha annta. Cosmhuil ris na Sean-fhacail tha an teagasg mar is trice fallan, agus eu-cosmhuil ri iomadh Searmoin tha iad ’nan cainnt ’s ’nan dreach Gaidhealach gu ’n cùl. ’S e gun teagamh teagasg na Sgeòil so misneach is dilseachd ’n ar dleasdanas, a dh’ aindeoin aon bhuaireadh a thig ’n ar caraibh. Agus ged ma dh’ fhaoidte nach ruig Tailleir na Manachainn inbhe an fhior-ghaisgich, faodaidh a ghiulan ’s a chainnt misneach a thoirt duinne ’nuair a thig oirnn coinneamh a thoirt d’ ar Bòcan fhéin. Tha meall de na Sgeulachdan ’s de’n Bhàrdachd Ghaidhealaich ro-fhreagarrach air son teagaisg cloinne, agus tha e ’n a ghnothach nàrach nach cluinnear na’s trice ’san Sgoil iad. Ach ciamar a bhios meas air Litreachas sluaigh far nach ruig am maighstir-sgoil leas facal de ’n chànain a thuigsinn. Fianuis Monach. Bhatar a’ feuchainn duine ann an cùirt an Albainn air son duin’ eile bhualadh. Bha fear de na fianuisean ag innse mar a thainig am fear a bhatar a feuchainn far an robh esan ’s mar a bhuail e e. “Thug mi, le ’r cead,” ars’ esan, “dòrn dha an taobh a chinn. Direach an deigh sin thainig an cù an taobn a bha sinn, ’s thug mi buill’ eile dha.” “Thug thu buille dh’ an chù” “Cha d’ thug; thug mi buille do Eòghainn. An sin thog mi clach, agus thug mi dha am bun na cluaise i, ’s chuir e car-a-muiltein dheth.” “An e Eòghainn?” “Cha ’n e, ach an cù. Dh’ éirich e, ma ta, ’s bhuail e rithist mi.” “Bhuail an cù thu?” “Cha b’e ’n cù a bhuail mi, ach Eoghainn. Agus thog e rithe ’s earball eadar a dha chois.” “Thog Eoghainn rithe?” “’S e thog rithe an cù. Agus ’nuair a thill e theab e ’n deò a phrannadh asam.” “Theab an cù do phrannadh?” “Cha b’e idir, ach Eoghainn. Agus cha deach a ghoirteachadh idir.” “Co nach deach a ghoirteachadh?” “Tha, an cù.” Ma bha ’n còrr ceasnachaidh air a dheanamh air, cha chuala sinne. Call Mor Gach Duthcha. Bidh mòran ag ràdh gur h-e sud is so a’s aobhar do bhochdain ar dùthaich. Theagamh gu’m bheil tomhas beag do fhìrinn anns na ràdhan leithsgeulach so: ach is i màthair-aobhair gach uilc saoghalta coitcheann so nach ’eil feum ionraic nèamhuidh air a dheanamh do’n talamh ás an d’ fhàs na cuirp so a dh’ fheumas a bhi air an cumail suas á feartan an fhearainn. A nis ciod e call mòr na duthcha so? Nach aithne dhuinn e? Tha sinn glé eòlach air ach cha’n ’eil ar sùilean cho fosgailte ’s a bu chòir dhoibh. Ciod e an call a tha sinn a ciallachadh? Call a tha a’ tighinn air dòigh trì-fhillte; troimh ’n leisg, troimh uaill, is troimh aineolas. A nis cha’n ’eil so ’na chuis thaitneach am measg na mòrchuis a tha air a deanamh a thaobh sliochd fallain, glan a’ Ghàidheil. Cha’n ’eil teagamh nach ’eil tomhas do’n leisg ann an cuid do cheàrnan, eadhon gus an là an diugh. Tha an uaill ann cuideachd; saoilidh a’ h-uile graisg bhochd gu’m bheil raisleachd mhòr ann an brigisean gallda, an cotaichean dubha, agus an anart-cotain mu chuirp thruagha a tha beò air ti. Is e an call mòr nach ’eil am fearann air àiteachadh. Ma tha iad glic thugadh an fheadhainn a tha ’nan tàmh am monadh orra.—Oban Times. An Riaghladh Breatunnach is na Gaidheil. Chì na Gàidheil a nis an eucoir mhòr a rinn iad orra féin is air an duthaich ’nuair a chuir iad a steach a’n Phàrlamid tighearnan fearainn ’an àite nan daoine gleusda duineil a bha ann rompa. Thig toradh searbh fathasa an lorg na mì-dhìlseachd ud. Tha an sluagh air dol a chadal; ach cha d’ thàinig suain air na h-uachdarain. Chaidh an latha gu buadhach leis na croiteirean cho fhad ’s a bha iad dìleas dhoibhsan a bha air an ceann. Ach o cheann bliadhna no dhà nis thàinig roinnean a steach; agus bhris iad féin an neart. An gabh a’ chuis a bhi air a leigheas? Cha ’n fhaighear càil a’s fhiach o ’n Ard riaghladh a tha ann an diugh.—Oban Times. Bha a cho-sheirm bhliadhnail aig Coisir-Chiùil Challum Chille ann an Glascho air feasgar a’ cheathramh latha fichead de ’n Mhàrt. Bha an oidhche stoirmeil, ach bha sluagh mor anns an talla. Bha an t-seinn anabarrach taitneach,—òrain Ghàilig bho thoiseach gu deireadh. Tha Coisir-Chiùil Challum Chille an deigh feum mor a dheanamh do ’n Ghàilig, le bhi nochdadh d’an co-luchd-dùthcha agus d’ an t-saoghal cho ceòlmhor ’sa tha òrain nan Gàidheal, agus cho airidh ’sa tha iad air a bhi air an cumail air chuimhne. B’ fhearr leinn gu ’n rachadh oidhearp a thoirt anns an dùthaich so air coisir-chiùil dhe’n t-seòrsa cheudna chur air chois. Tha pailteas de sheinneadairean matha Gàilig innte d’ am biodh e furasda gu leòr. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. [TD 322] [Vol. 5. No. 42. p. 2] Mairi a’ Ghlinne. LEIS AN URR. TORMOID MAC LEOID, D. D. (Air a leantuinn.) “Rugadh mise,” deir i, “ann an Eilean a’ Cheò. ’S àrd a bheannta gorma, ’s fasgach uaine a ghlinn bhòidheach. Ged a’s lag, dìbli mi ’nochd, tha fuil dhaoine treuna air an cuala sibhse iomradh, a’ ruith ’am chuislibh. Cha robh leanabh aig m’ athair ’s mo mhàthair ach mi, agus ghràdhaich iad mi le toigh mhòr. “Bha mi, gu truagh, air mo mheas ni b’ àille agus ni bu bhòidhche na aon chaileag eile bha san dùthaich. Bha crodh a’s caoirich againn, a’s gabhail bheag fhearainn: cha robh dìth no uireasbhuidh oirnn, no farmad ri aon teaghlach san eilean. “’Nuair thainig mi gu aois, bha h-aon no dhà ag iarraidh mo phòsadh; ach cia mar a b’ urra’ dhomh mo làmh thoirt do dhuin’ eile, ’s gu robh mo chridhe o chionn fada aig Mànus donn na Beinne. “Thogadh sinn le chéile, agus mar dh’fhàs sinn suas neartaich ar gaol. Cha ’n ’eil stà innse’ a thricead ’s a bhòidich e nach robh air aghaidh an t-saoghail té d’an d’thug e gaol ach Màiri a’ Ghlinne; agus, mo chreach! ’se mo chridhe bochd a dh’ innseadh dhomhsa co blàth, seasmhach ’s a bha mo ghaol-sa dhàsan. Chaidh an aimsir seachad gu maith; bha m’ anam mar gu’m b’ ann a’ snàmh ann an sòlas. Cha robh cleith no folach eadaruinn: c’ar son a bhitheadh? cha robh ’na bheachd ach na bha ceart agus measail, agus focal cha d’ thainig as a bheul ach a’ chainnt bu bheusaiche agus bu chliùitiche. “Bha càirdean Mhànuis dhòmhsa mar mo mhuinntir féin, gach aon diubh ach a phiuthar, a bha fada fada ’m aghaidh, ’s gun fhios c’ar son. Cha robh dòigh a b’ urrainn i chleachdadh nach d’ fheuch i chum cur eadaruinn; ach so cha deach aice air an àm a dheanamh. Bha ’n uine dol seachad, agus bha latha na bainnse gu bhi air a shuidheachadh, ’nuair thainig litir as na h-Innsibh-an-Ear, o bhrathair-’athar Mhànuis, ag iarraidh air e dhol thairis g’a ionnsuidh, agus gu’m fàgadh e ’bheartas aige. Thainig a phiuthar le cabhaig agus le sòlas a dh’ innse so dhomh. Thainig e féin air an là-màireach; agus tha mi làn chreidsinn gu ’m b’ fhearr le Mànus fuireach leam sa’ ghleann air a bheagan, na ’m fhàgail airson òr nan Innsean. Ach cha d’ fhuair e tàmh no fois o ’chàirdibh. Bha brathair-’athar aosda, euslan, bha e saoibhir mar an ceudna; ann an ùine ghearr bhiodh Mànus dhachaidh a rithist, agus an sin choimhlionadh e gach gealladh dhòmhsa. Mar so labhair cairdean Mhànuis, agus chunnaic mi gu robh e féin deònach air falbh. Cha dubhairt mise gu’m b’ olc, agus cha mhò thubhairt mo mhuinntir. “Chaidh e mach do Dhun-Eideann a cheannach gach goireas a bha dhìth air, oir thainìg dhachaidh am pailteas chum na crìche so. Fhuair e ’dhealbh féin air a tharruing, agus coslas ni b’ fhìrinniche cha’n fhacas le sùil. Bha ’n dealbh air a suidheachadh ann an òr, le ’fhalt donn féin agus m’ fhalt-sa air an amladh le chéile mu’n cuairt da. Thug Mànus an dealbh so far an robh mi an oidhche mun d’ fhalbh e. ’So,’ ars’ esan, ‘a Mhàiri cuimhneachan beag a thug mi dhachaidh air do shon. Giùlain ann ad uchd e, agus fagus air do chridhe; agus ma chluinneas tu tuaileas ormsa, ma bhios eagal ort gu’n dì-chuimhnich mi thu, amhairc air an dealbh sin: chì thu firinn a’s bàigh a’s gràdh ’san t-sùil sin, nach atharraich agus nach caochail am feadh ’s a tha ’n t-anam a’m’ chòm.’ Chàirich mi ann am uchd e. ‘’Se ’m bàs,’ arsa mise, ‘a dhealaicheas sinn;’ agus mar thubhaìrt, b’ fhior. Ciod th’ agaibh air—b’ éiginn dealachadh. Bha ’ghealach ag eiridh cùl na beinne mar a phill mi o’n tràigh. Tha farum nan ràmh agus onfhadh tròm tùrsach a chuain fhathasd a’m’ chuimhne mar gu’m b’ ann an raoir a dhealaich sinn. “Phill mise dhachaidh—ach chaidh an t-saighead ’am chridhe air an oidhche sin, a dh’ fhàg guin nach d’ thàinig, agus nach tig, as. Bha mi gòrach, amaideach, aineolach; air mo Chruithfhear bha mi tùr dìchuimhneach. Bha iodhol eile aig mo chridhe—a’s dhìol mi gu tròm air a shon. Air-san bha mi smuainteachadh moch agus anmoch; bha e ann am smuaintibh san latha—bha e ’am aisling san oidhche. Ge b’e taobh a rachainn, bhiodh ’fhaileas fa chomhair mo shùl: a’ siubhal an rathaid mhòir, bhithinn a’ meòrachadh a bhriathran, agus, ge h-oillteil r’a innse e, ’s ann air a bhiodh m’ inntinn a’ ruith ann an tigh-aoraidh an Tighearna; oir ged a dh’ éirinn ’s a shuidhinn mar a dheanadh càch—ged bhiodh am Bìobull a’m’ làimh—ged bhiodh fonn nan sailm air mo bhilibh, ’s ann anns na h-Innsibh, aig Mànus na Beinne, bha gràdh agus tlachd m’ anma. “O! ’s mise bha cealgach! ’S ann do thròcairean an Tighearna nach d’ thàinig sgrios orm an lorg mo ghiùlain fhaoin, ghòraich. ’S ann air an dealbh a bha ’n crochadh ri m’ uchd, ag éiridh ’s a’ luidhe leam, bha ’cheud sealladh sa’ mhaduinn, agus an sealladh mu dheireadh san oidhche. “Bha sa’ cheud dol a mach litrichean a’ teachd uaithe gu tric, làn do’n chainnt bu bhlaithe ’s bu ghràdhaiche; ach chinn iad ni b’ ainmice agus ni b’ fhuaire. Mu dheireadh stad iad gu buileach, agus cha robh fios a’ teachd a’m’ ionnsuidh ach mar bha naigheachd na dùthcha ’g innseadh. “Bha aonta m’ athar a mach; chuireadh màl mòr mu choinneamh a’ bhaile; bha e féin breòite, euslan; mhothaich e mar bha mise ’sìoladh as. Is minic a chanadh e rium ’s na deòir a’ tuiteam gu frasach: ‘A Mhàiri, a chuilean mo rùin, cha ’n eil thusa mar bu mhiann le t’-athair.’ Thàinis a’ bhàirlinn—thàinig latha Bealltainn. B’ éiginn an gleann bòidheach fhàgail. Chreiceadh gach crodh a’s caoirich; ach mun d’ thainig latha na h-imrich, bha ’n t-athair bu bhàigheile fo’n fhòid. “Thog mo mhàthair a’s mis’ oirnn; agus ann am bothan bochd air an aon mhart, agus baidnein beag ghabhar, fhuair sinn gabhail againn ann an ceann eile na dùthcha. Cha b’ fhada sheas mo mhàthair. Bliadhna an déigh bas m’ athar, chàireadh a corp r’a thaobh. Chaitheadh am beagan a bh’ ann an àm a bàis, a’s dh’ fhàgadh mise ’m dhùile bhochd, laig, bhreòite, gun athair gun mhàthair, gun phiuthar gun bhràthair, gun duine air uachdar an t-saoghail mhòir ann an dlùth-chàirdeas domh. Ach ’s fada o’n a chuala sibh e, ‘Thig Dia ri h-airc ’s cha’n airc ’nuair thig.’ ’S mise dh’ fhiosraich gu’m b’ fhior. Chuir esan caraid a’ m’ rathad. Bha ministeir san eilean sin, fear a’ chridhe mhòir. ’S iomad truaghan bochd a fhuair fasgadh ’na thigh; ’s iomad dìlleachdan bochd d’an robh e mar athair; ’s iomad allaban dìbli fhuair e air seacharan, ’s a bha e ’na mheadhon chum an treòrachadh chum an Ti àrd a chùm agus a chruthaich iad. B’ ann diùbh mise. Chaochail thu, fhir mo chridhe!—ach tiota beag, agus coinnichidh sinn ann an dùthaich a’s fearr! Bha càirdeas fada mach eadaruinn, ’s cha ’n fhòghnadh leis ach mi dhol ’ionnsuidh a thighe. Turus an àigh dhòmhsa! A mach o’n latha sin fhuair mi misneachd, fhuair mi beachd ùr air an t-saoghal—bha mi fàs ni bu làidire, ach bha mo chridhe fathasd goirt, goirt—agus bithidh. “Thainig bean-uasal cheanalta bheartach dhachaidh air an t-samhradh sin á Dun-Eideann, ’s cha ghabhadh i diùltadh uam gun dol leatha gu Galldachd, a gealltainn gu faigheadh i cosnadh dhomh, leis an tugainn mi féin roi ’n t-saoghal gun bhi ’m uallach air neach air bith. So na bha dhì orm. Dh’fhàg mi tigh an duine bheannaichte, ’s ràinig mi Dun-Eideann. Fhuair mi cosnadh ann an tigh measail, le teaghlach caoimhneil tlachdmhor, far nach robh bheag agam ri dheanamh ach cùram a ghabhail do dhithis phàisdean, cho lurach àluinn ’s a bha riamh ann an aon teaghlach. Bha mi dìleas faicilleach. Latha do na làithean mar bha mi mach air na sràidibh leis na leanaban, mhothaich mi òg-bhean uasal eireachdail, agus duin’ uasal àrd flathail a’ labhairt r’a cheile, dlùth do’n àite ’n robh mi ’m sheasamh. Dhealaich iad; ach mar bha esan a’ gabhail tarsuinn air an t-sràid, chuala mi ise ’g éigheach gu h-àrd ’na dheigh air ’ainm. Ciod an t-ainm a bha so ach an t-ainm bu bhinne leam éisdeachd. Ràinig am fonn mo chridhe. Dh’ amhairc mi agus mhothaich mi gu ’m b’e Mànus a bh’ ann. O! dh’ aithnichinn e ’m measg sluagh an t-saoghail. ’Sé th’ ann, arsa mise, ach ceum cha robh mi comasach air gluasad. Thainig tuainealaich a’ m’ cheann; thainig breisleach orm; ’s mur bithinn air mo thaic a leigeil ri ceann tighe bha dlùth dhomh, bha mi air tuiteam air a chabhsair. Ghabh iad (ise leigeil a taic air a ghairdean,) a nall far an robh mi, agus bha mo fhradharc a rithist a’ tighinn. Bha h-aon do na lean- [TD 323] [Vol. 5. No. 42. p. 3] aban air a’ chabhsair, agus thoisich a’ bhean-uasal ri brìodal ris. Dhlùthaich iad orm; mhothaich iad nach robh mi gu maith, oir bha mo thaic fathasd ris a’ bhalla ged bha sùil agam air na leanaban. Dh’ amhairc mi gu geur ’na eudan. Dh’fhàg an deirge a ghruaidh—thug e clisgeadh beag as. Cha d’ aithnich e mi, tha mi làn-chinnteach nach d’ aithnich: ach an déigh dhoibh dol seachad, chunnaic mi e toirt sùil ’na dhéigh, agus uaithe so thuig mi a dh’ aon chuid, gu’n d’thug e fainear gu robh samhlachadh eadar mi ’s Màiri a’ Ghlinne. “Thachair dhomh bhi mach latha eile, agus choinnich mi té ’mhuinntir mo dhùthcha, dh’ innis dhomh gu robh Mànus sa’ bhaile; gu’n do phill e as na h-Innsibh le anabarra beartais; agus gu’n cual’ i gu robh e féin agus maighdeann òg Shasunnach a’ dol a phòsadh. Chuala mi an t-àite san robh e fuireach, ach cha leigeadh mo chridhe leam dol far an robh e. Chaill mi mo shlàinte. B’ éiginn mo chosnadh fhàgail. Chaidh an teaghlach aig an robh mi do Shasunn, ach cha robh e ’m chomas an leantuinn. Thainig mi do’n bhaile-mhòr so, gun fhios c’ arson; agus fhuair mi fasgadh agus cairdeas ann an tigh na mnatha còire sin a chunnaic sibh maille rium san àite so. Chreiceadh na bh’ againn, a chuid ’s a chuid; bha mo bhana-charaid bochd, co bochd ’s a bha mise. Thuig mi gu robh am bàs dluth. Chuala mi gu robh Mànus pòsda; ghlac mi ’m peann uair agus uair chum fios a leigeil d’a ionnsuidh air a’ chor bhochd anns an robh mi, ach thainig fuil mo shinnsirean, Sliochd Olghaire an Dùin, beò, lag mar bha mi, agus thilg mi ’m peann as an t-sealladh. Cha dubhairt mi focal ni bu chruaidhe riamh ’na aghaidh na am freasdal a thoirt maitheanas da. ’Se sin guidhe dùrachdach mo chridhe. Mheall iad e!—mheall iad e!—cha deanadh Mànus riamh mar rinn e mur biodh iad air a mhealladh. Tha mise so a nis, agus am bàs dlùth. Is e ’bheatha—fàilt’ air! Tha mi sgìth do’n t-saoghal—tha mi nis a’ mothuchadh gu bheil gràdh aig mo Dhia orm. Roimhe so bha ’m bàs ’na chulaidh-eagail leam; ach mar a’s dlùithe tha mo cheann-crìche tighinn orm, ’s ann a’s soilleire an sealladh a tha m’ Fhear-saoraidh a’ toirt dhomh air àilleachd an Ard-Righ agus maise na dùthcha tha fad’ as. Tha m’ fhuil a’s m’ fheòil a’ fàilneachadh, ach anns an Tighearna Dia tha neart siorruidh. ’Se so mo chul-taic ’s mo shòlas, nach ’eil dìteadh dhoibhsan a th’ ann an Iosa. Air-san amhàin, tha m’ earbsa airson tèaruinteachd. ’S tric a leugh mi sa’ Bhìobull nach ’eil saorsa ann ach tre fhuil Chriosd; ach a nis tha mothachadh agus fiosrachadh làidir agam air an fhìrinn so. ’Nuair dh’ amhairceas mi air m’ ais air mo chaithe-beatha, cha léir dhomh bheag ach aobhar nàire agus aithreachais—ach ’nuair bheachdaicheas mi air mo Shlànuighear, cha léir dhomh bheag no mhòr ach neart, agus dòchas, agus slàinte. Tha fios agam gu’n do riaraich e an lagh, gu’n d’ thug e steach fireantachd shiorruidh. Tha fios agam gu’n d’ thug e an gath o’n bhàs, agus gu’n d’ thug e buaidh thairis air an uaigh; air chor agus ged a bhàsaicheas mi gu’m bì mi beò, oir tha m’ Fhear-saoraidh beò, agus seinnidh mi fhathasd a chliù maille ri spioradaibh nan daoine maite, foirfe ann an glòir. Tha mo thaic an tròcair Dhé ann an Criosd. O! cia mòr a mhaitheas!” Mar so chriochnaich Màiri a’ Ghlinne a h-eachdraidh. Cha robh latha fhad ’s bu bheò i ’na dhéigh so, nach deachaidh mi g’a h-amharc. Bu shoilleir gu robh crioch a turuis shaoghalta ’n impis bhi seachad—bu shoilleir gu robh an teud òir a’ fàilneachadh. Bha a tùr ’s a tuigse agus comas labhairt aice air gach àm. Cha’n iarradh i ach a bhi leughadh a’ Bhìobuill; “O! leabhar an àigh!” arsa Màiri bhochd—“cliù dhàsan a dh’ fhàg againn e mar fhuaran fionnar beò san tìr airsneulaich so!” ’S iomad seanchas taitneach a bh’ againn le chéile. Thogadh i gu tric laoidh le guth fann briste. ’Nuair a shaoileamaid gu robh i ’na suain, dh’ fhosgladh i a sùil chiùin le aomadh àrd—“Tha mi ’n so, a Thighearna, a’ feitheamh t’ àma-sa, deònach togarrach gu falbh; ach ma tha ’m barrachd agad-sa mu m’ choinneamh ’s an t-saoghal so, do thoil féin gu robh deanta.” Latha do na làithean, mar bha mi suidhe aig taobh a leapa, agus mo chùl ris an dorus thug Màiri sgread àrd aisde, agus chunnaic mi neul a’ bhàis air a gruaidh. Dh’ fhosgail i ris a sùilean—thug i oidheirp air a làimh a thogail—“’S è gun teagamh,” deir ise, “th’ ann—cha ’n eil mo fhradharc ’gam mhealladh—’S e th’ ann. O! ’Mhànuis, a Mhànuis, an tu th’ ann!” Tuille cha b’ urra’ dhi—thuit i thairis. Thug mi sùil a dh’ ionnsuidh an doruis, agus chunnaic mi ard uasal eireachdail ’na sheasamh maille ri lighiche ’n tighe. Cha robh suim aige do nì, oir cha chual’ e na thubhairt Màiri. “Thig a nall,” arsa mise, “agus amhairc san eudan so.” Shaoil mi gu’n do chaochail i, agus chuir mi romham innse’ dha cò i. Bha ’dhealbh féin aice ’na laimh. Dh’ amhairc e gu geur—dh’ fhàg an fhuil ’eudann—thainig seòrsa do chrith air. “Is i th’ann,” arsa mise, “Màiri a’ Ghlinne. Sin agad buil agus crìoch do cheilge!” Thuit e air a’ chathair—thilg e nèapaiginn shìoda bha ’na làimh thairis air ’eudan—tharruing e osna thròm—thug e taobh na leapach air—thilg se e féin air a ghlùinibh—ghlac e a làmh fhuar, agus chunnaic mi a dheòir a’ tuiteam gu frasach. Thigibh an so, a luchd na ceilge—a luchd nam breug, a mhealltairean! faicibh toradh an uilc! éisdibh na h-osnachean tha dùsgadh as a’ choguis leònte so. Thigibh an so, sibhse tha le geallaidhnibh pòsaidh a’ dùsgadh dòchais nach ’eil a mhiann oirbh a choimhlionadh—faicibh an t-àilleagan truagh so air leabaidh a bàis air tàil geallaidhne’ briste! Thainig Màiri as a’ phaiseanadh—dh’ fhosgail i a sùil ghorm a ris—bha’m fallus fuar air a bathais gheal, ach bha fiamh a ghàire air a h-eudann ciùin. “Tha thusa ’n sin, a Mhànuis,” ars’ ise; “thig ni’s dlùithe dhomh—tha mi lag, lag. Tha mi toirt maitheanais duit—tha, o ghrùnnd mo chridhe. Mhealladh thu. O! ’s mòr a dh’ fhuiling mi air do shon—ach nach coma cò dhiùbh—tha fuasgladh dlùth. Tha mise sona, ’Mhànuis. O! gu’n robh thusa mar a ta mise, ’nuair chàirear thu air leaba bàis. Tha thu pòsda, ’Mhànuis: gu’n robh thu sona, ach O! cha ghràdhaich té thu gu bràth mar rinn mise. C’àite ’m bheil thu? Tha tuainealaich am cheann. A Mhànuis, na fàg mi—tiota beag.”—“Cha ’n fhàg—cha’n fhàg. O! nach robh mi riamh air t’fhàgail! Cha robh mi sona latha o’n thréig mi thu. Cha do mheall duine mi ach mo chridhe uaibhreach féin. Cha robh mi sona—’s cha bhi; slàn le sonas an t-saoghail-sa dhòmhsa! Mhurt mi thu, agus bidh mallachd an uilc air mo shiubhal fhad ’s a’s beò mi. Cha d’ thug thu maitheanas domh, a Mhàiri—cha ’n urrainn duit maitheanas a thoirt domh!”—“Thug,” ars’ ise; “aige-san thug dhomh an comas sin a dheanamh, tha fios gu’n d’ thug mi làn-mhaitheanas duit;—ach na fòghnadh sin leatsa—guidh air Dia maitheanas a thoirt duit.” Thug i mach an dealbh a bha crochta r’a muineal—“So,” ars’ ise; “gabh air ais an cuimhneachan so. Bha Màiri a’ Ghlinne dìleas—thubhairt thu rium, ‘Gléidh e, a Mhàiri, gu latha do bhàis.’ Thainig an latha sin a nis—cha ’n ’eil feum air ni’s faide. So, a Mhànuis gabh air ais e; ach stad—leig dhomh aon sealladh eile ’ghabhail de—leig dhomh a chur aon uair eile ri m’ chridhe. Is iomadh latha thug e dhomh sòlas. Cha d’ thainig atharrachadh air an dealbh sin riamh; tha blàs na sùl sin—tha fiamh a’ ghàire sin—tha àilleachd na mala sin, agus cumadh a’ bheòil sin, co bàigheil neo chaochlaideach dhòmhsa gu latha mo bhàis, ’s a bha iad air a’ cheud latha anns an d’ fhuair mi uait e air an tràigh. O! ’s iomad faothachadh a fhuair mo chridhe bochd o’n chuimhneachan bheag sin. So, a Mhànuis, gabh air ais e—Slàn leis—slàn leis an t-saoghal!” Thuit i seachad tamull beag. Cha do labhair sinn focal. Thog i rithist a ceann—“Tha mi,” ars’ ise, “dol air mo thurus—tha mi deònach. Tha mi mothachadh gu bheil tobar na beatha a’ traoghadh—gu bheil an teud airgid a’ fuasgladh. Tha dorchadas a’ tighinn orm. Tha mo chridhe fuar, fuar. Na fàg mi, ’Mhànuis. An dùin thu mo shùil sa’ bhàs? Cha léir dhomh thu—O! tròcair do m’ anam, a Dhé!” Thuit a ceann air uchd Mhànuis—tharruing i aon osna—mhothaich mi aon spàirn lag. Bha ’n uspairn dheireannach seachad. Bha Màiri a’ Ghlinne am fois shiorruidh! Cho mear ri ceann sìomain air latha gaoith. [TD 324] [Vol. 5. No. 42. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, APRIL 20.1897. Tha na Greugaich agus na Turcaich a’ cogadh. Chaidh an cogadh a ghairm leotha le chèile toiseach na seachdain, agus tha iad uaithe sin a’ sabaid gu searbh. Tha na Turcaich a feuchainn ri bristeadh a stigh air criochan na Gréige, agus tha na Greugaich a’ cur ’nan aghaidh gu duineil. Bha dha no tri de bhlàir fhuilteàch air an cur, anns an do thuit moran taobh air taobh; tha aon sgeul a thainig ag radh gu’n do mharbhadh fichead mile ann an aon bhlar, ach tha sin glé mhi-choltach, oir ’nam biodh uiread sin air am marbhadh cha mhor a bhiodh air am fàgail; cha’n eil na h-armailtean aig taobh seach taobh gle lionmhor. Tha e gle choltach ma leanas an cogadh a bheag a dh’ uine, gur h-iad na Turcaich a bheir buaidh, oir ged a tha na Greugaich cho treum ri sluagh a ghabhas faotainn, cha’n eil iad cho lionmhor ris na Turcaich, no ma dh’ fhaodte cho ionnsaichte ann an cleasachd-airm. Ach bidh deagh ghuidhe na Criosdachd leis na Greugaich, oir tha ceartas air an taobh, agus tha dòchas, ged a gheibheadh an Turcach buaidh orra, nach leig na rioghachdan mora leis droch cheartas a thoirt daibh. Bidh e ’na ghnothuch nàr agus maslach ma leigeas. B’e Di-satharna s‘a chaidh Di-dònaich na Càisge aig na h-Iudhaich; ‘s ann air Di-satharna a tha iad a‘ cumail na Sàbaid. Air seachdain na Càisge, cha‘n eil iad ag ithe seòrsa bidh sam bith ach feòil uan air a ròstadh agus aran neo-ghoirtichte. Chaidh mir dhe‘n aran sin a shealltuinn dhuinn an la roimhe le caraid a fhuair e bho fhear de shliochd Abrahaim fhéin. Tha e air a dheanamh air flur crithneachd, agus cha‘n eil ni ga chur ann an àm a dheasachaidh ach am flur ‘s an t-uisge. Tha e ‘na bhreacagan tana, cruaidh, gle choltach ri soda biscuit. Tha e air a dheanamh ann am baile New York, leis na Rabbis, agus tha iad ‘ga bheannachadh mu‘n teid a chreic. Ged a tha ‘n sluagh so o chionn còrr us ochd ceud deug bliadhna ‘nam fògarraich air feadh an t-saoghail, tha iad gidheadh, gu h-eudmhor a leantuinn ri creideamh agus beul-aithris nan seann làithean o shean, ‘nuair a bha iad an seilbh air an duthaich fhéin. Tha lighiche ainmeil ag radh nach eil caraid aig fear no aig mnaoi a’s fhearr na ’n t-uisge teth. Leighisidh e cion-cnàmhaidh le ghabhail romh ’n bhiadh-mhaidne, agus cuiridh e ’n teicheadh air ni crithean an deigh do neach tigh’nn a stigh as an fhuachd. Gle thric leighsidh e ceann-goirt, agus bheir e faoth’chadh do shùilean a tha air àt agus sgith. Tha e anabarrach math air bruthaidhean, ’s air siachaidhean, agus cuiridh e stad air sileadh-fala. Tha e mar-an-ceudna math do neach nach bi faotainn cadail mar bu chòir dha. Tha na Gàidheil ann an Lunnainn a’ faotainn searmoin ’nan cainnt fein da uair ’sa mhios. Tha ministeirean as gach cearna de’n rioghachd a toirt shearmonan dhaibh; tha duin’ òg de mhinisteir Gàidhealach ann an Lunnainn fhéin a bhios aca gu math tric, an t-Urr. Mr. Connell. Tha an t-Urramach òg so ’na shearmonaiche math Gàilig, agus ged a tha e ’n ceangal ri coi-thional anns nach eil feum air cainnt sam bith ach Beurla, cha nàr leis aideachadh gu fhearr leis gu mor a bhi ’searmonachadh ’na chainnt mhàthaireil fhéin. Tha righ Siam a tigh’nn air chuairt do na Stàitean air an t-samhradh so, agus cha’n eil teagamh nach toir e sgriob do Chanada mar an ceudna. Ged nach eil dùthaich an urra rioghail so cho mor ri iomadh rioghachd eile, gidheadh tha àireamh mhuilleinean sluaigh innte, a tha air an riaghladh gu glic, agus a tha ’mealtuinn sith agus soirbheachadh. Anns an dòigh sin cha’n eil dùthaich anns an Asia air fad, a mach o na tha air an riaghladh leis na h-Eòrpaich, a thig suas ri Siam. Duine Striochte. An uair a bha ’m flath ainmeil, Diùc òg Bhurgundi, fiùran co àillidh dhreachmhor ’sa chunnacas r’a linn, air a shìneadh ’na chiste-mhairbh, agus Maithean agus Cùirteirean an rìoghachd, mu ’timchioll fo bhròn tròm, a’ gul agus a’ caoidh; thàinig Ard-Easpuig Fenelon a stigh do’n t-seòmar, esan aig an robh cùram an òganaich òirdheirc so ’an àm òige, agus a dh’ fhòghlum e; ghabh e ’nùnn gu taobh na ciste, agus an déigh beachdachadh car tamuill air an aogas mharbh, labhair e mar so:—“Tha e’n sin ’na shìneadh prionnsa mo ghaoil, do’n d’ thug mi gràdh co blàth teas-chridheach ’s a thug an t-athair bu chaomhala riamh d’a leanabh: agus cha bu ghaol gun chomain mo ghràdh dhà-san; ghràdhaich e mi le toighe agus dealas mic. Tha e’n sin a nis ’na shìneadh—agus tha m’uile shòlais shaoghalta ’nan sìneadh maille ris. “Ach,” deir esan, “ged a bhiodh e comasach le aon fhuiltein a spìonadh o m’ cheann a ghairm air ais do thìr nam beò, ’s mise nach gabhadh deich mìle saoghal, agus am fuiltein faoin sin a spìonadh an aghaidh toil De.” STOR UR TAILLEARACHD, Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair, MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 325] [Vol. 5. No. 42. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thainig fear Stephen Hatt, a mhuinntir Bear River, N. S., ri bheatha fhéin a sheachdain gus a bhòn-dá; ghearr e a sgòrnan le ràsar. Thug e an ionnsuidh cheudna uair us uair roimhe, ach cha deachaidh leis. Bha e leth-cheud bliadhna dh’ aois. Tha iomadh bliadhna air a dhol seachad o’n rinneadh sgrios cho mor anns na Stàitean ’sa rinneadh am bliadhna leis an amhuinn Mississippi a bhi cur thar a bruachan. Tha i air call uamhasach a dheanamh, a bàthadh dhaoine agus ainmhidhean agus ’g am fàgail-san a fhuair as, gun dòigh air a bhi beò mar deanar cobhair orra le muinntir eile. Dh’ fhalbh soitheach seòlaidh á Sidni Tuath gu ruige Newfoundland air an t-seachdain s’a chaidh le luchd guail. Tha an acarsaid a nise saor o dheigh, agus ma dh’ fhalbhas an deigh mhor bhar nan criochan, tòisichidh na soithichean-guail air ruith gu riaghailteach, agus bidh timeannan na’s fhearr. Agus gu dearbh sin rud air am bheil an dùthaich feumach. Tha ’n t-side air car briagha thoirt aisde; tha blàths air tighinn; tha an deigh air bristeadh, agus aig àm sgriobhaidh, cha ’n eil ach gann mir dhi ri faicinn anns an acarsaid so. ’Nam biodh an deigh mhor a nise cho math ’s gu ’m fanadh i air falbh, bhiodh dòchas againn nach b’ fhada gus an tigeadh an samhradh. Ach fhad ’sa bhios ise mu ’n cuairt bidh sinn car teagmhach d’a thaobh. Thatar a’ deanamh moran siùcair mèple ann am mor-roinn Chuibeic air an earrach so; tha cuid de na tuathanaich an deigh corr us sia mile punnd a dheanamh cheana. Tha aon chuideachd mharsantan a feuchainn ri greim a dheanamh air uile, agus tha iad an deigh coig ceud mile punnd a cheannach mar tha. Ma theid leotha, faodaidh iad am pris fhéin a chur air, agus a dheanamh moran na’s daoire na bu chòir dha bhi. Thainig boirionnach ri ’beatha féin ann am Moncton, N. B., oidhche Di-luain s’a chaidh, bean Uilleam Wilbur. Ghabh i deoch de phuinnsean radan, agus bha i marbh mu ’n robh fhios aig a fear, a bha ’na chadal ’san aon rùm rithe, air dad. Bha eagal oirre gu robh a fear ri bhi air a chur do ’phriosan air son reic deoch làidir, agus dh’ oibrich sin air a h-inntinn gus ’n do chuir i crioch oirre fhéin. Chaidh an t-Urr. Maighstir Corbett, sagart a bh’ ann an St. John, N. B, a mharbhadh air dòigh chianail air oidhche Di-satharna s’a chaidh. Bha e ’cur seachad ha h-oidhche ann an lùchairt an easbuig, agus ’sa mhaduinn fhuaireadh e marbh ri taobh an taighe, an deigh tuiteam a mach air té de na h-uinneagan. Bha e dona le tinneas a’ chridhe, agus thatar a’ deanamh a mach gu ’n d’ thainig laigs’ air, ’s gu ’n do thuit e ’se feuchainn ris an uinneag fhosgladh. Cha robh e ach deich bliadhna fichead a dh’ aois, agus bha e anabarrach measail aig luchd na sgireachd, ’s aig gach neach a chuir eòlas air. Tha ’n taghadh a nise seachad, agus cha mhor dhaoine air nach do chuir e ioghnadh. ’S i bharail chumanta a bh’ aig a’ mhor chuid mu ’n d’ thainig an latha, gu robh na Liberals gu bhi air an cur an dreuchd a rithist, ach gu ’m biodh barrachd de bhuill na pàrlamaid an aghaidh an Riaghlaidh ’sa bha ann re nan tri bliadhna chaidh seachad. Ach an àite sin ’s ann a choisinn iad barrachd mor ’sa bh’ aca roimhe. Anns a phàrlamaid mu dheireadh bha deichnear bhall an aghaidh an Riaghlaidh. Air an turus so cha bhi ann ach a ceathrar. ’S iad na Conservatives a fhuair a stigh, Fitzpatrick ann an siorrachd Phictou, McMullen ann an Colchester, Wolf ann an Lunenburg, agus Wilcox ann a Hants. Bhrist teine mach ann an tigh-sgoile am baile Halifax, a sheachdain gus an dé agus rinn e call ceithir mìle dolair. Tha Canada a’ dol a chur da cheud saighdear a null do Bhreatuinn aig Iubili na ban-righ’nn. Bha i deiseil gu sia ceud a chur a null, ach ’se da cheud na bh’ air an cuireadh. Chaidh fear Daibhidh Mac Callum a mharbhadh air Amhuinn Avon, N. S., an la roimhe. Bha e mach le ràth; chaidh e ’n sàas eadar na logaichean, ’s bha e air a mhilleadh cho dona ’s nach robh e beò ach beagan mhionaidean. Dh’ fhàg e bantrach us teaghlach mor. Ann an Eilean a’ Phrionnsa tha am buntàta a creic air 20c am buiseal; an coirce air 24c; am fiar air sia dolair an tunna; ’s na h-uidhean air 6c an dusan. Cho math ’s gu bheil sin dhaibhsan a bhios a’ ceannach, ’s bochd na prisean iad do na tuathanaich a tha ’g an creic. Tha e air aithris gu bheil coig mile deug air fhichead de Fhrangaich Chanada ann an stait Maine, gun ghuth a thoirt air na tha air an sgapadh air feadh nan stàitean eile. Tha àireamh mhor sluaigh anns na Stàitean an diugh a fhuair am breith ’s an arach ann an Canada. Dh’ fhàg soitheach-smùide d’ am b’ ainm State of Georgia, Dantzic, ’sa Ghearmailt, air an treas latha fichead Dhesember, agus cha chualas sgeul oirre tuilleadh. Tha e ro-choltach gu ’n deach i fodha am meadhon a chuain. Bha i luchdaichte le siùcar, ’s i tigh’nn gu ruige Halifacs. BAS. Chaochail Domhnull Mac Amhlaidh, mac do Aonghas Mac Amhlaidh, aig a dhachaidh ’am Port Morien, feasgar na Sàbaid s’a chaidh, aois 24 bliadhna. Chaidh a thiodhlacadh, anns a chladh aig an Allt Dhubh, agus moran de chàirdean ’s de luchd-eòlais a lathair, a bha mar sin a nochdadh cho measail ’sa bha iad air. Bha e àireamh bhliadhnaichean ag obair mar fhear-inneil ann a Weytonsville, Mass. Bha e na dhuine cùramach air an robh deagh chliù aig na h-uile. Am feadh a bha sinn ’san dùthaich so a’ gearan ’sa talach air flichead na side—agus dh’ fhaoidte nach còir a bhi ’g ar coìreachadh gu mor air son sin—tha uisgeannan troma ag aiseag aoibhneis agus dòchais do shluagh bochd nan Innsean. Bha an tiormachd cho mor ’s gu robh choltas air gu’m biodh bliadhna ghann eil’ aca, ach tha ’n t-uisge an an deigh dreach eile chur air a chùis. Tha gach ni a’ cinntinn ’sa fàs, agus ma leanas an t-side cho fàbharrach ’sa tha i, bidh ann an ùine ghoirid, biadh gu leòr agus ri sheachnadh acasan a bha roimhe so an impis bàsachadh leis an acras. Ann an Chicago, o chionn da sheachdain air ais, chaochail Tormoid MacLeoid, mac do’n Urr. Tormoid MacLeoid, ministeir sgireachd na Barony an Glaschu, agus ogha do’n Urr. Tormoid MacLeoid, “Caraid nan Gaidheal.” Bha e o chionn còrr us deich bliadhna ’na fhear sgriobhaidh do na paipearan-naigheachd, agus bha e air a laimh fhéin a’ cur a mach leabhran miosail d’ am b’ ainm “The Rambler.” Bha e na bhall de bharrachd us aon chomunn Gáidhealach us Albannach ann a bhaile, agus ghabh aon diubh sin cùram deth ’na thinneas agus an deigh a bhàis. Chaochail e ann an aon de thighean-eirrdinn a’ bhaile le tinneas-sgamhain. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 326] [Vol. 5. No. 42. p. 6] SGEULACHDAN ARABIANACH. V.—EACHDRAIDH AN IASGAIR Dh’ fhalbh i ’s a mhionaid am mach a Talla nan Deur. Thug i leatha cupa lan uisge, agus labhair i briathran os a cheann a thug air an uisge a bhith goil mar gu ’m biodh e air an teine. ’Na dheigh sin chaidh i do ’n t-seomar anns an robh am prionnsa ’na shuidhe, agus thilg i an t-uisge air, ag radh, “Ma chuir Cruithfhear nan uile nithean thu anns a’ chruth ’s am bheil thu an drasta, no ma tha fearg air riut, bi mar a tha thu; ach ma ’s ann le mo dhraoidheachd-sa thainig thu gu bhith anns a’ chruth sin, bi mar a bha thu roimhe. Cha bu luaithe a labhair i na briathran so na dh’ eirich am prionnsa as an aite an robh e, agus e ’na chruthachd nadarra mar a bha e mu ’n do chuireadh fo na geasan e. Air dha bhith lan aoibhneis thug e taing do Dhia. Thuirt ise ris, “Gabh’ am mach as a’ chaisteal, agus na tig air ais gu brath tuilleadh, ar neo ma thig, cha bhi ’n tuilleadh saoghail agad!” An uair a chuala e so, dh’ fhalbh e am mach gun aon fhacal a radh rithe, agus chaidh e do dh’ aite iomallach far an d’ fheith e gus am faiceadh e cia mar a rachadh gnothaichean leis an righ. Aig a’ cheart am thill ise do Thalla nan Deur, agus air dhi duil a bhith aice gu ’n robh i labhairt ris an duine dhubh, thuirt i, “A ghaol mo chridhe, rinn mise mar a dh’ iarr thu orm; na cumadh ni sam bith a nis thu o gach toileachadh a bha dhith orm o chionn uine fhada thoirt dhomh.” Thuirt an righ rithe, ann an cainnt nan daoine dubha, “Cha dean na rinn thu an gnothach air mise a leigheas idir. Thug thu faothachadh mor dhomh; ach feumaidh tu freumh an tinneis a thoirt a bun.” “Mo ghradh dubh,” ars’ ise, “ciod a tha thu ’ciallachadh le freumh an tinneis?” “A bhoirionnaich mi-shealbhaich,” ars’ an righ, “nach ’eil thu idir a’ tuigsinn, gu ’m bheil mi a’ ciallachadh a’ bhaile, agus an luchd-aiteachaidh, agus na ceithir eileanan a sgrios thu le d’ dhraoidheachd. Tha ’n t-iasg a h-uile oidhche aig a’ mheadhain-oidhche a’ togail an cinn as an lochan, agus a’ glaodhaich dioghaltais ’nad aghaidh fhein ’s ’n am aghaidh-sa. Is e so is aobhar nach ’eil mise air mo leigheas. Bi falbh cho luath ’s a rinn thu riamh, agus cuir gach ni mar a bha e roimhe, agus an uair a thilleas tu, bheir mise dhut mo lamh, agus cuidichidh tu mi gu eirigh.” An uair a chuala i na briathran so thog i a guth le iolach aoibhneis, agus thuirt i, “Mo chridhe, mo bheatha, bidh do shlainte air a h-aiseag dhut gun dail, oir ni mise mar a tha thu ’g iarraidh orm.” Anns a’ mhionaid dh’ fhalbh i. An uair a rainig i bruach an lochain thog i lan a boise de ’n uisge, agus an uair a labhair i briathran os a cheann, chrath i air an lochan e, agus bha am baile ann an tiotadh air a chur mar a bha e roimhe. Bha ’n t-iasg ’nam fir ’s ’nam mnàthan ’s nan cloinn—Mahomadanaich is Criosduidhean is Persianaich is Iudhaich, daoine saora is traillean, mar a bha iad roimhe ’nan cruth nadarra fhein. Bha na taighean ’s na buithean lan dhaoine mar a bha iad mu ’n do chuireadh fo gheasan iad. Ghabh an sluagh a thainig thun an lochain comhladh ris an righ ioghnadh mor an uair a fhuair iad iad-fhein ann am meadhain a’ bhaile. Cho luath ’s a thog ise na geasan bhar a’ bhaile ’s bhar nan daoine, thill i le cabhaig do Thalla nan Deur. An uair a rainig i far an robh an righ ’na laidhe, thuirt i, “Mo thighearna graidh, tha mise air tighinn a dheanamh gairdeachais maille riut a chionn gu ’n d’ fhuair thu do shlainte. Rinn mi gach ni a dh’ iarr thu orm a dheanamh. A nis, eirich, tha mi ’guidhe ort, agus thoir dhomh do lamh.” “Thig dluth dhomh,” ars’ an righ, agus e ’bruidhinn rithe ann an cainnt nan Innseineach. Rinn i so. “Cha ’n ’eil thu dluth gu leor dhomh,” ars’ esan, “thig ni ’s dluithe dhomh.” Rinn i mar a dh’ iarr e oirre. An sin dh’ eirich e, agus rug e air ghairdean oirre cho ealamh ’s nach robh ’dh’ uine aice na thug an aire nach e an duine dubh a bh’ ann, agus le aon bhuille de ’n chlaidheamh rinn e da leith dhith. Dh’ fhag e i far an robh i, agus chaidh e am mach a dh’ iarraidh a’ phrionnsa, a bha ’gabhail fadachd ’g a fheitheamh an aite eiginn faisge air a’ chaisteal. An uair a fhuair e e, rug e air ’na ghairdeanan, agus thuirt e, “A phrionnsa, dean gairdeachas; cha ’n eagal dhut a nis, tha do dhearg namhaid marbh.” Thug am prionnsa og mile taing do’n righ air son a’ chaoimhneis a nochd e dha, agus ghuidh e dha saoghal fada is sonas mor. “Faodaidh tu ’na dheigh so,” ars’ an righ, “comhnuidh a ghabhail aig fois is sith ann an ceannabhaile do rioghachd fhein, mur falbh thu comhladh rium fhein, o’n a tha ’n rioghachd agam cho faisge oirnn. Is e do bheatha falbh ’comhladh rium, far am faigh thu gach meas is urram mar a gheibh ’na do luchairt fhein.” “A righ chumhachdaich, a chuir mise cho mor fo chomain,” ars’ am prionnsa, “am bheil thu ’smaointean gu ’m bheil thu cho faisge air ceannabhaile do rioghachd fhein?” “Tha,” ars’ an righ, “tha fhios agam air; cha ’n ’eil e ach mu astar leith-latha as a so.” “Tha e astar bliadhna as a so,” ars’ am prionnsa. “Tha mi ’lan-chreidsinn gu ’n d’ thainig sibh an so anns an uine a tha sibh ag radh o’n a bha mo rioghachd-sa fo gheasan; ach o’n a thogadh na geasan dhith, tha cuisean air atharrachadh. Ach cha chum sin mise gun fhalbh comhladh ribh. Rachainn comhladh ribh do’n chearn a’s iomallaiche de’n t-saoghal. Thug sibh dhomh mo shaorsa; agus mar dhearbhadh gu’m bheil mi fo chomain anabarrach mor dhuibh, tha mi gle dheonach falbh comhladh ribh, agus mo rioghachd fhein ’fhagail.” Bha ioghnadh anabarrach air an righ an uair a thuig e gu’n robh e astar cho fad’ air falbh o ’rioghachd fhein, agus cha robh e ’tuigsinn cia mar a b’ urrainn a leithid a bhith. Ach thug Prionnsa nan Eileanan Dubha lan-dhearbhadh dha mu’n chuis. An sin thuirt an righ, “Is coma co dhiubh; ged a bhios e draghail dhomh tilleadh do ’m rioghachd fhein, tha mo thurus an so gle phaighte dhomh. Tha e ’n a thoileachadh ro mhor dhomh thusa a chur fo chomain, agus d’ fhaotainn gu bhith agam mar mhac, o nach ’eil mac eile agam. Tha mi, ann an ionad nam bonn, ’g ad dheanamh ’n ad oighre air mo rioghachd.” Gun dail sam bith thoisich am prionnsa og ri deanamh deas air son an rioghachd ’fhagail. An ceann tri seachdainean bha gach ni aige deas gu falbh. Bha maithean is uaislean na rioghachd gu leir ro bhronach an am a bhith ’dealachadh ris. Dh’ fhag e an rioghachd aig an aon bu dluithe dha de ’chairdean. An uair a dh’ fhalbh an righ agus am prionnsa, thug iad leotha ceud camhal luchdaichte leis gach ni bu luachmhoire a bh’ ann an ionmhas a’ phrionnsa, agus leith-cheud marcaiche, uasal, og, a b’ eireachdaile a bh’ anns an rioghachd. Chaidh an turus leotha cho math ’s bu mhiann leotha. Chuir an righ teachdairean roimhe, a dh’ innseadh gu ’n robh e air an t-slighe dhachaidh, agus a thoirt cunntas do mhaithean na rioghachd air gach ni a thachair dha fhad ’s a bha e air falbh. An uair a rainig e faisge air a’ cheanna-bhaile, chaidh mor-mhaithean na rioghachd, agus ceannardan an airm am mach as a’ bhaile ’na chomhdhail, agus dh’ innis iad dha gu ’n robh gach ni a bhuineadh do ’n rioghachd cho ceart ’s cho ordail ’s a dh’ fhag e iad. Chaidh aireamh mhor de ’n t-sluagh am mach g’ a choinneachadh mar an ceudna, agus rinn iad fodhail mhor ris. Bha mor-ghairdeachas anns an rioghachd gu leir an uair a chualas gu ’n do thill an righ dhachaidh gu sabhailte. An latha ’n deis dha ruighinn dhachaidh, thug an righ min-chunntas do na h-uaislean mu thimchioll a thuruis, agus mu ’n aobhar a chum cho fada o’n taigh e. Dh’ innis e dhaibh gu’n robh Prionnsa og nan Eileanan Dubha gu bhith mar mhac aige, agus gu ’n robh e gu bhith ’na righ air an rioghachd an deigh a bhais fhein. Thug e tiodhlacan luachmhor do gach aon de mhaithean na rioghachd. A thaobh an iasgair, o’n a b’ ann air a thaillibh a fhuair am prionnsa og a shaorsa, thug an righ dha moran fortain, agus bha e fhein ’s a theaghlach gu math dheth fad uile laithean am beatha. (A’ chrioch.) [TD 327] [Vol. 5. No. 42. p. 7] Ceilidh Gaidheil Ghlascho. B’ i oidhch Dhi-sathuirne seo ’chaidh (Mar. 27), oidhch mu dheireadh na seisein aig Céilidh nan Gaidheal. Dh’ fhiach na Gàidheil an spéis a bh’ aca do ’n chéilidh, agus an tlachd a bh’aca innte leis a chruinneachadh mhòr agus toil-ìnntinneach a bh’ ann an Talla na h-Aithne air an oidhch sin. Bha Murchadh Màrtuinn, an ceann-suidhe, anns a’ chathair. Dh’ fhosgail e a’ choinneamh le h-ùirnigh a réir gnàtha, agus thug e fa-near do ’n chuideachd gum b’ i sin a’ choinneamh bhliadhnail, nach d’ fhuaireas fios ag iarraidh atharrachaidh air na riaghailtean; agus gun tòisichear le a bhi a’ gairm air an Rùn-chléireach Iomradh thobhairt air obair na seisein. Dh’ aithris an Rùnair gun do stéidhicheadh Céilidh nan Gàidheal an uiridh cothrom a thobhairt do Ghàidheil Ghlaschu a bhi ’labhairt an cànain ’an cuideachdas a’ chéile, agus a bhi ’rannsachadh chùisean a bhuineadh do ’n eachdraidh agus do ’n dùthaich. Dh’ ainmich e gun d’ thugar ceithir òraidean air fhichead troimh ’n t-seisein, agus gun robh iad air am frithealadh le bho ceithir-fichead gu ciad-gu-leth pearsa aig gach coinneimh; gun robh ’s an t-sàmhradh cuirm-cnuic aca ann an cille chaluim, agus gun robh cuirm-chaidreach aca air an dara là dhiag de ’n Mhàrt. Dhaingnicheadh le làn aonta na cuideachd. Air sin ghairmeadh air an Ionmhasair a thobhairt cunntas á ’dhreuchd. Dh’ ainmich e aig ceann nan cunntasan gun robh £1 12s 6½d de bharrachd aca. Dh’ aontaichear ris an iomradh, agus chaidhtear air aghaidh gu taghadh luchd-dreuchd agus comhairle air son na h-ath seisein. Thaghar mar a leanas:—Ceann-suidhe Urramach, Donnachadh Bàn (Coir an t-sithe); Ceann-suidhe, Murchadh Màrtuinn; Iar-Cheannsuidhe, Raonall Dòmhnullach; Rùnair, Gilleasbuig MacCullach; Cléireach Iomraidh, Iain Caimbeal; Ionmhasair, Eachann Mac-Phàidein; Bàrd, Nial Mac ’Illeathain. Luchd-comhairle:—Mnathan ’s Gruagaich —Mairearad Dhòmhnullach, Fionghall Nic Dhòmhnuill-Chàrdaidh, Mairearad Nic Ionmhainn, Raonailt Nic Dhòmhnuill, Ealasaid Nic Alastair, Mòr Nic Ionmhainn, Màiri Corcadail, agus Beitidh Phiotach. Fir:—Gilleasbuig Snodgras, Domhnull Mac ’Illeathain, Iain R. Mac ’Illebhrataich, D. Mac Corcadail, Uilleam Lobhraidh, Dughall Mac ’Illeathain, Murchadh Mac Coinnich, Gilleasbuig Mac ’Illemhaoil, Coinneach Dòmhnullach, Iain Mac-a-Phì, Iain Mac Neacail, agus Domhnull Mac Dhomhnuill. Thugas taing na Céilidh do Dhughall Mac Phàil air son mar a lion e a dhreuchd mar Rùn-chléireach ré ’n t-seisein a bha a nis air a chriochnachadh. Air sin thilgeadh a’ choinneamh fosgailt chum còmhraidh. Thuaireas an deigh sin Ceòlraidh bho Raonailt Nic Dhomhnuill, agus Eimilidh Dhomhnullach, an cois òrain bho Criostain Mac Ionmhainn, Mairearad Dhòmhnullach, Pàdruig Dòmhnullach, Fionghall Dhòmhnullach, Uilleam Mac Phail, Raonailt Nic Dhomhnuill, Gilleasbuig Mac ’Illemhaoil, agus Eimilidh Dhomhnullach. Thugas taing do ’n luchd-ciùil agus do dh’ fhear na cathrach, agus air sin sagoil a’ chiad seisean aig an aon Chomunn a tha cumail suas na Gàidhlig gu glan agus gu h-iomlan le a bhi ’g a cleachdadh ’na h-aonar aig na coinneimhean aca.—Highland News. Na Gaidheil ann an Crete. Bha réiseamaid Ghàidhealach (na Gàidheil Sith-portach) air a cur do Chrete air a mhios a dh’ fhalbh air son an t-sith a ghleidheadh eadar na Turcaich ’s muinntir an eilein. ’Nuair a chaidh na Gàidheil air tir, chuir an éideadh annas mor air na Creitich; tha am féilleadh cho coltach ris an deise thatar a’ cleachdadh ’san dùthaich sin fhéin. Chaidh iad air tir mu aon uair deug, agus mhèars iad gu h-uallach do na barracks le ’n cuid phiobairean air an ceann, ’s iad cho sgiobalta ’nan deise ’s cho tapaidh nan gluasad ’s gu ’n d’ fhuair iad cliù mor o gach aon a bha air an laimhrig ’g an amharc. Tha “gillean an fhéilleidh” a’ sior tharruinn aire ’n t-sluaigh, agus b’ fheudar luchd-faire a chur timchioll air an àite ’sam bheil iad a chumail an t-sluaigh o thighinn tuilleadh us faisg orra. Chualas a bhi feòrach uair us uair, “Ma ’s e so deise nam firionnach, gu de ’n seòrsa còmhdaich a th’ aig na boirionnaich.” Tha muinntir na Seann Dùthcha glé throm air an òl. Ri ’n gabhail thar a chéile tha gach teaghlach anns na h-Eileanan Breatunnach a cur ochd puinnd deug (mu $87 ’san airgiod againne) a’ cheannach deoch-làidir na h-uile bliadhna. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c. SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4.; ’95 [TD 328] [Vol. 5. No. 42. p. 8] Oran an Amadain Bhoidhich. Tha e air aithris gur e mac ministeir a bh’ ann, a mhuinntir Ghearrloch ’s gu’n do ghabh e gaol air banarach ’athar. Cha robh am ministear ro thoileach air seo. Coma co dhiubh chuir e a mhac do’n Oil-thigh ’s chaidh na litrichean a bha e ’cur chuice a cheapadh. La dhe na lathaichibh chaidh innseadh dhi gu’n d’fhuair e ’m bàs ann an tigh-eiridinn. Ghabh i gus an leabaidh ’s cha d’éirich i tuillidh. Air dhàsan bhi air tilleadh dhachaidh co choinnich e mu’n phàirc, treis bho’n tigh, ach searbhant agus dh’fharraid e dhi ciamar bha a bhanarach. “Oh,” ars ise, “nach cuala tu fhéin mar tha?” Na dheighidh seo chasdh e ’s laigh e air an urigh aice; bha e a caoidh ’s ri bròn ro mhor, ’s a réir mar a chuala mise chaidh e cho mor bho ’aire fhéin ’s gu’n robh e ag itheadh an fhieor a bha fàs os cionn na h-ùrach. Thàinig ’athair an sin ’s ghabh e dha leis an t-sréin. Se buil a bh’ann gu’n do thréig a chiall e ’s bhiodh e air uairean na shlaod an sid ’s an seo mar neach gun mhoineid. Ged bha e air dul bho ’reusan bha e siubhal na dùthcha—gu math tric gun aodach. Fhuaras e na laigh là fuar sneachdaidh air taobh shios na manachainn, ma’s math mo chuimhne, ’s gun air ach caob de sheòl luinge agus sin fhéin air reothadh air. Chaidh adhlaiceadh an cladh Chille Chriosd faisg air Blàr an Uird. Is e ’n t-amadan bòidhheach bh’ aig an t-sluagh air, ’s theireadh cuid ris an t-amadan rùisgt. Tha mi ’dianamh dheth gu’n do chaochail e bho chionn còrr agus leth-chiad bliadhna. Cha chadal, cha chadal Cha chadal ’s cha tàmh ’S mi bhi smaointinn mo leannain Ribhinn thairis chiùin thlàth. Seo a bhliadhna ’chuir as domh ’S thug a falt ’bhàrr mo chinn A chuid nach eil deth air glasadh A’ falbh na shad leis a ghaoith, Tha mo shuilean a’ sileadh Cheart cho mire ri allt, Tha mo bheul air fàs tioram ’S tha mo chridhe air fàs fann. Tha osach throm air mo chridhe Nach tog fiodhull na pìob Bho’n là dhealaich mo leannan Rium air cladach Port Rìgh. Is diombach mis’ air mo chàirdean ’S air mo phàrantan féin Nach do leig ead dhomhs’ phòsadh An ribhinn òg a b’ fheàrr beus. Tha gach aon diubh ag ràdhtinn Fhir gun nàire gun chéill Is ann a thoill thu do shràcadh Ann san làraich le stréin. Nuair a chuir ead mi ’n Oil-thigh Cha robh seol orm ’s cha bhì Nuair a shuidheas mi ’m ònar Bidh mo smaoin ort a’m’ chridh. Innsidh mise mu m’ leannan— Gruaidh thaná dhearg mar ’n ròs, Suil ghorm fodh chaol mhala Slios mar eal’ air an lòn. Beul is binne na teudan Falt na chleitein de’n òr Calpa cruinn a cheum eutrom A thogadh m’ éislein ’s mo bhròn. Is truagh nach robh mi ’s mo leannan Urrad fad’ ann sa bheinn Ann an lagan beag soilleir Far ’m biodh an coileach a’ seinn. Gun duine bhi faisg oirnn Far a faiceadh ead sinn Ach mise ’s an òigh so! Righ bu shòlasach sinn. Dhianainn treobhadh a stearrach ’S chuirinn gearran an crann Ghleidhinn seòl dhut air aran Ged tha ’m beartas air chall, Bheirinn fiadh dhut á fasach Thogainn amhran le fonn ’S gu stiùirinn am bàta Air mòr àirdead nan tonn. Ged bhiodh agam do stòras Na bheil a dh’òr aig an Rìggh B’fhearr bhi comhla ri m’ Sheònaid Ann an seomar leinn fhìn. Dh’fhuaighinn balt dhut ri brògan Bileach boidheach s cho tean Gheobhainn corc dhut us eòrna Cha bhiodh do stòras-sa gann. Och nan och! mo chùis-mhulaid Mu ni nach urrainn mi ìnns’ Laigh sachd air mo chridh Nach tog fiodhull na pìob. Us an cadal an cadal Cha’n eil an cadal an dàn O nach fhaic mi no leannan An rìbhinn tairis chiùin thlath. Cha dian lighich bonn feum dhomh No sugh fodh ’n ghréin ach t-aon ni Mi bhi ’faicinn mo cheud-ghradh S mi ’call mo chéil air a tì. A dà ghruaidh mar an caorunn A slios mar fhaoilinn air chàrn Is e bhi gealltuinn na t’aoduinn A bheireadh, ’ghaoil, dhomh mo shlaint Tha mo shùilean air sileadh Cheart cho mire ri allt Tha mo bheul air fàs tioram S tha mo bhil air fàs mall. Chaidh m’astar am mailled S chaidh mo mhisneachd air chall Is truagh nach d’chuir sibh mi’n tasgaidh. Ann sa chlachan ud thall. Mo shùilean ni sileadh Mo chridh air fas fann Chaill mo chasan an coiseachd S tha mo cheuman air chall. Och! an cadal cha chadal Cha chadal s cha tàmh Mi bhi shaointinn mo leannain An ribhinn thairis chiùin thlàth. An do phàigh thu MAC-TALLA? DO BHIADH Do Neart—Ma bhios o air a dheagh chnàmh. Mur eil do stamag a deanamh a h-obair, feuch K. D. C. Cha’n eil duine air am bheil Cion-cnamhaidh a cur dragh nach cuidich e—do nach toir e slàinte agus comhfhurtachd. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son a chuim. Leighsidh iad Teanntachd, ma-ghabhair iad maille ri K. D. C. AIR AN SAR MHOLADH. Sampuill de K. D. C. ’s K. D. C. Pills a Nasguidh. K. D. C. Company, Limited, New Glasgow, N. S, & 127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 329] [Vol. 5. No. 43. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 1, 1897. No 43. Sgeul m’ Fhir-treorachaidh. O chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, fhuair mi mi-fhéin air ceann gnothuich ann am baile beag de ’n ainm L’ Anse, ann an cearna de stàit Mhichigan. Rainig mi ’m baile trath ’sa mhaduinn, cha b’ urrrinn domh falbh as gu anmoch feasgar, agus o nach robh de ghnothuch air m’ aire ach na chaidh agam air a dheanamh ann am beagan ùine, chuir mi romham a dhol a dh’ iasgach bhreac, oir chuala mi gu robh iad gu math pailt anns na h-aimhnichean air feadh na dùthcha mu’n cuairt. Gun ùine sam bith a chall, dh’ fhastaidh mi each us carbad agus fear-treòrachaidh, ’s dh’ fhalbh sinn; bha slatan, dubhain, cuileagan ’s gach ni dhe’n t-seòrsa sin aigesan. Chaidh sinn àireamh mhiltean troimh choille dhlùth, agus thainig sinn gu amhuinn bheag d’ an goirte an Amhuinn Airgeid. Air dhuinn a dhol a nall thairis air an drochaid, thug sinn an t-each as a charbad agus cheangail sinn e, agus an sin rinn sinn deiseil gu luchd-àiteachaidh na h-aimhne a ghlacadh. A falbh an cois na h-aimhne, thilg sinn ar dubhain an toiseach ann an linne dhomhainn, shàmhach a bha aig bonn agus beagan an dara taobh de dh’ eas, far an robh an amhuinn bheag a dòrtadh le gàir mhòr eadar da bhalla creige nach robh barrachd us tri troighean bho chéile. Cha do shoirbhich leinn anns an àite sin, agus chaidh sinn astar math sios an amhuinn, agus mu’n d’ thainig àm dinnearach bha ’n deagh ghad bhreac againn. An sin thill sinn dh’ ionnsuidh a charbaid, agus an deigh dhuinn teine bheothachadh aig bonn creige taobh an rathaid, thòisich sinn air deasachadh ar dinneir. ’S i mo bharail nach d’ fhuair mi greim bidh riamh cho fior bhlasda ris na bric ud. Bha an latha briagha—am mios meadhonach an t-samhraidh—agus shuidh sinn an taice na creige ’g ar grianadh féin ’sa gabhail na cùise air ar socair. Bha m’ inntinn gu mor air a tarruing gu bhi smaointeachadh air mo chompanach. Bu duine foghainteach, air dheagh chumadh e, mu dha fhichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois; bha aghaidh thuigseach, dhreachmhor air, agus air leam gu robh ni-eigin ’na ghnùis a bha ’g innse mu thrioblaid mhoir troimh ’n deachaidh e. Ged nach robh mionaid de ’n latha anns nach robh so gle shoilleir ri fhaicinn, bha e moran na bu chomharraichte aig an an àm so na bha e ’sa mhaduinn, agus cha robh e idir cho bruidhneach ’sa bha e, agus bha e daonnan a’ dlùth-amharc air an làr. Air dhomh fheòrach ciod a bha ’cur dragh cho mor air inntinn, thug e treis ag amharc orm gun fhacal a radh, agus an sin fhreagair e: “Tha sgeula beag an ceangal ris an àite so, a dhuine chòir, agus cha ’n eil uair a smaointicheas mi oirre nach cuir i mulad mor orm. Ma ’s e ur toil e innsidh mi dhuibh i.” Air dhomhsa radh ris gu ’m bithinn ro-thoileach a’ cluinntinn, chaidh e air adhart: Tha gle fhaisg air deich bliadhna fichead o’n thainig mi fhéin ’s mo bhràthair aon latha mach a dh’ iasgach air an amhuinn so. Bha an dùthaich an uair sin na b’ ùire na tha i ’n diugh, agus cha b’ annas sam bith mathan fhaicinn. Bha an latha gle choltach ris an latha ’n diugh, agus choisich sinn gu cridheil troimh ’n choille, na feòragan a’ ruith ’sa leum am measg nan geug os ar cinn, agus na coilich-thomain a drumaireachd air gach taobh dhinn. Bha esan ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois, agus bha mise da bhliadhna na bu shine na e, agus bhitheamaid daonnan cuideachd. Thòisich sinn air iasgach dlùth do ’n eas sin thall, agus ged nach robh sinn air ar n-uidhea[?]nachadh le slatan ’s le dubhain cho grinn ’sa tha againn an so an diugh, chaidh againn air iomadh breac bòidheach a thoirt gu tir. Lean sinn romhainn sios an amhuinn a bogadh nan dubhan anns gach glumag a ruigeamaid. Bha mise beagan air thoiseach air mo bhràthair, agus aig aon àite bha mi ’n deigh mo dhubhan a leigeadh sios, ’nuair a thàinig esan as mo dheigh, agus gun a bhi ro fhaicilleach càite ’n cuireadh e ’chas, leag e cnap cloiche do’n uisge, a deanamh plub mor a chuir an teicheadh air na bric. Chuir e seòrsa de chlisgeadh ormsa, agus dh’ fhaoighnich mi dheth gu crosta an robh de thùr aige na dheanadh air a shocair, gun a bhi starbraich air an dòigh ud. Bha esan cho cas na nàdur rium fhéin, agus fhreagair e mi mar a labhair mise ris-san, agus dh’ fhàs an connsachadh na bu teotha ’s na bu teotha, gus mu dheireadh an d’thug esan leis a shlat, ’s chaidh e sios an amhuinn leis fhéin. Bha ’n fhearg ormsa, agus leig mi leis falbh, ach cha b’ fhada mhair i ’s mi leam fhéin ag eisdeachd gàirich an eas, agus an ùine gun bhi fada chuir mi romham a dhol sios ’ga iarraidh chum ’s gu ’n deanamaid réit. Thainig mi gun dail gu lùb a th’ anns an amhuinn, agus beagan astair á sin tha ’n t-uisge air a dhùnadh a stigh eadar da bhalla chas creige a tha bho fhichead gu deich troighean fichead a dh’ àirde. Bha agam an so ri grunnachadh, mar a bha fhios agam a bh’ aig mo bhràthair ri dheanamh romham; ach o’n bha ’n t-uisge tana, bha sin soirbh gu leòr. Chuir mi uidhreachd air cho fior fhuar ’sa bha ’n t-uisge, ach ghreas mi orm, agus ged a bha ’n amhuinn gle dhireach fad cairteal mile romham, cha robh mi ’ga fhaicinn. Bha mi nise air mo bhualadh le iomguin mhor d’ a thaobh; cha ’n eil teagamh nach e bu choireach ri sin, ann an tomhas co-dhiu, mi dhealachadh ris ann am feirg, agus gach ni a bhi cho sàmhach timchioll orm. Dh’ éibh mi air uair us uair, ach cha d’ fhuair mi guth air ais ach mac-talla nan creag ’g am fhreagairt, agus mar gu ’m b’ eadh a’ deanamh fanaid orm; agus mar a b’ àirde dh’éibhinn ’s ann bu mhotha ’m’ eagal. (Ri leantuinn.) Sean Fhacail. Is leir do‘n dall a bheul. Cha chuimhnich cù comain. Bidh an iomchoir‘ ‘an lorg a ‘ chall. Cha‘n fhaig a chroich dàn na mara. Cha bhi each-iasaid a chaoidh sgìth. Ceò a’ Gheamhraidh càth an Earraich. Dithisd a chaidh fo rath ‘san t-saoghal. Bean a ‘ feadaraich ‘s cearc a glaodhaich, Cadal gun fhaireachadh cailleach an tàilleir. Barail a‘ bhruic air a ladhran—barail bhochd. A’ call nan scuab ‘sa’ truasadh nan siobhag. Bidh bean-mhuinntir aig an fheannaig a‘s t-Fhoghar. An uair a bhuaileas tu cù no balach buail gu math e. Cha ‘n ann gun fhios car-son a ni ‘n croman fead. Am fear a chumas a dhubhan fliuch gheibh e iasg uair-éigin. An uair a‘s Ciadaoineach an t-Samhuinn is iargaineach fir an domhain. Beathaich thusa mis‘ an diugh, is beathaichidh mise thus‘ am màireach. [TD 330] [Vol. 5. No. 43. p. 2] PIOBAIRE AN DIUC. Bha ’n droch-thuiteamas ann—am fìor dhroch-thuiteamas, agus cho réidh ’s a bha pìobaire ’s gìomanach an Diùc; cha do choinnich iad riabh ’s a’ Chlachan gun deoch-eòlais a bhi aca; cha’n e sin, ach mar is dù do dhàimhich an uair a thachras iad—’s bhìteadh ag cur ’an umhail do’n dithis so cho ro-thric ’s a thuiteadh dhaibh, le eòlas-chas, tachairt aig teintein dubh Beitidh Nic-Dhònuill ’s a’ Chlachan—cha b’ fhòghnadh leotha, mu’n dealaicheadh iad, gun chuairt no dhà òl, ’s eadh, “rud beag eile,” air son deagh choimhearsnachd. Agus leis gu’n robh fios gu math aig Beitidh gu’n robh Iain Camran am pìobaire, agus Dònull Tolm an gìomanach—na h-aoidhean a b’ fhearr do’n tigh de na thaghladh eadar dha cheann na bliadhna, ’s eadh, gu’n robh iad na’n sàr aithneadairean air mac-na-bracha, agus nach cuirteadh seachad iad le druaip no le iargainn, bheireadh i an t-seal-aire nach fhaigheadh iadsan co-dhiubh ach an stuth a b’ fhearr, agus na stuip—an cron a bhiodh orra, na’m biodh a leithid ann, gur h-e a’ ro-mhiad ’s a chumadh iad. ’S e thàinig, mar bu dù gu’n tigeadh, as a’ chompanas so ’s á co-chomunn an òil, gu’n robh gaol mar a dhearbh-bhràthair aig Iain pìobaire air Dònull, agus bu mhinig a dhearcnaich Dònull do dh’ Iain, ’s iad ’an guaillibh a chéile ’an ciaradh nan tràth, no mar bu trice ri solus na gealaiche, a’ tuisleachadh feadh a’ mhaim a’ dol dachaidh, nach robh gin dh’a ochdnar bhràithrean fhéin idir a chuireadh e ’n coimeas ris, aig ro-mhiad na spéise a bh’aige dhà, ’s e sin aig Dònull-gìomanach. Breithnichibh fhéin, ma ta, an staid ’s an robh Beitidh, anmoch feasgar mìorath Foghair, an uair a thill i stigh as a bhàthaiche bho bhleoghunn Blàraig, ri faighinn an da ghoistidh so ’s collaid aca ag cruaidh-chònnsachadh—fear air gach taobh de’n bhòrd ’s an stòp air fhathast leth-fhalamh, agus na cuachan, agus an gnùis fhearail, chalma, air thuar is gann a léughteadh air sheòl sa bith ciùine ann! Agus sin ’an làthair aithnichinn, uasal lòineagach, grìsionn, a bha Beitidh ’an dùil gu’m bu leth-chiallach e, a chionn e ’bhi bho chionn thrì seachdainean roimhe sin, a’ plàsdadh dath air àirce de sheann chainbe, ’s e, ’s drochuair, ag radh Beinn-sluaigh ris, ach a dh’ aindeoin sin, fear a bha i ’n ion a bhi sìbhealta, modhail dha, leis cho math ’s a bha e ’pàidheadh air an t-seomar-mhòr. Bha ’n t-uasal so gu soistinneach na ’shuidhe na ’chathair ’s còrn de dheoch-thùngta air a bhialthaobh, ’s e air bheag umhail de’n chònnsachadh, agus smùid gharbh aige air cutaig de phìob-thombaca agus dreamadh na ’aodunn leatha, mar a thug Beitidh fonear le dorran, an uair a chaidh i suas a’ figheadh a stocaidh, ’s iomagain oirre a bhi ’cluinntinn a’ chònnsachaidh a’ dol ’an labhrad. Cleas nam ban uile dh’ oilltich Beitidh romh ’n Chònnsachadh. ’S a’ Chlachan b’e ’n cònnsachadh mar bu trice, toiseach na tuasaid. ’S e beachd air an robh i mu ’dheighinn nach bu chòir a bhi ann ach réidh-cho-sheanchus; ach cha chuireadh i ’n aghaidh tionndadh a thoirt da fo chaochla neòil (mar a theireadh an dealbhadair mu Bheinn-sluaigh), ach sin gun atharrachadh baralach, agus ’fhàgail meinneil, leis a’ chuis a leigeil an drasta ’s a rithist gu radh a’ bhotuil—cha droch-cordadh e idir rithe sgiala math ’innseadh dà uair. Ach ’an so Iain ’us Dònull, a’ sealltainn gu fiadhaich, gruamach, air a chéile; agus Iain, nach fuilgeadh urad na ròinneig a thighinn na ’aghaidh, a’ bualadh a spràille dhuirn air a’ bhòrd le gleadhar a bha ’cur an stuip ’s nan cuach a dhannsadh. “Tha thu air chul do sgeòil, a Dhònuill, bho’n is éudar dhomh cur ad aghaidh—bha e bruich.” An gìomanach, ’s ann ris a chas Iain mar so, cha d’ rinn e ach crathadh beag a null ’s a nall a thoirt air a cheann maol, agus le snodha-gàire fir a b’ fhearr fios—rud a chuir bradhadair ri feirg Iain, thuirt e air a mhìnathais—“U, ’Iain, cha robh e bruich, cha’n ’eileas ga ’bhruich idir.” “Ge tà thàthas ga ’bhruich, agus daonnan ga ’bhruich, agus, ga ’bhruich ’am bainne-blàth cuideachd.—Cha’n ionnan mise ’s cuid de fheadhainn, le’r cead-se, ’dhuin’-uasail,” os am piobaire ’s e ’tionndadh ris an fhear a bha ’s a chathair-dà-làimhe, a leigeil na cuise ’na ’mhèinn “cha’n ionann mise ’s cuid de dh’ fheadhainn a bhios ag cur sgeilm dhiubh mu ghnothuichean, ’s ro-bheag de dh’ fhios aca air ni mu’n deighinn.” “Ach codhiu ’chaidh an t-oil-cake a bhruich dha no nach deach,” os an dealbh adair, “tha ’n tarbh na bheathach cho àluinn ’s a chunnaic mi bho’n a thainig mi do ’n Ghaidhealtachd, ged nach robh mi diombach, an uair a bha mi ’tarainn a dhealbh, an t-allt agus bruach mhath chas a bhi eadarainn.” “Nis ’Iain, tha thu fiachainn ri brath a ghabhail air aineolas an duin’-uasail, gu’m beil, Iain, agus cha b’ àbhaist dut a bhi mar sin. Is fìor-mhì-chiatach an gnothuch e an Sasunnach so a dh’ fhàgail na duthcha ’s a’ bheachd sin; bidh e ’m barail nach ’eil ’s na Gàidhil ach daoine-fiadhaich, a bhi ’togail ar cuid tharbh air oil-cake bruich mar gu’m biodh ar tairbh òga ’am freasdal oil-cake ’s deagh fhiar gorm gu’n cluasan aca ’s gu leòir dheth; cha’n e sin ach ged a bhitheadh iad na ’eisimeil, ciamar a ruigeadh iad a leas a bhruich dhaibh ’s fiaclan aca phronnadh na clachan na’n tigeadh e mu’n coinneamh. B’e ’chulaidh-àbhachd e, ma chualas riabh e, a bhi ga d’ chluinntinn a’ bruidhinn air oil-cake bruich, ’Iain Chamrain.” “Tha mi ’g innseadh dhut gu’m beil thu air chul do sgeòil,” os am pìobaire gu catharra ris, “agus nach ’eil agad ach cainnt-burraidh, a Dhònuill Thuilm—ach, o, le’r cead, os esan ’s e rithist a’ leigeil na cuise gu breth an dealbhadair, “dé an t-eòlas mòr a th’ aig gìomanaich air àrach tharbh òga; dh’ aithngheadh iad coileach-ruadh seach cearc-thomain air fasbhuain ged a bhiodh an oidhche ann, ach iad a thighinn mu’n casan, tha mi ’g aideach’, ’s e ’toirt tionndaidh dh’a ghuth ionann ’s a chiallachadh gu’m b’e sin uile e; ach àrach tharbh cha’n ann dhe’n cèaird e; cha’n e sin ach duine nach d’ fhàg a dhuthaich fhéin, eadar a bhreth ’s a bhàs, ’dol a thoirt seòlaidh do dhuine ’bha ceithir thimchioll an t-saoghail, agus sin ’an cois an Diuc—’dol a dh’ innseadh dhàsan mu dhaoine-fiadhaich—” “Tha mi ’g aideach,” osa Dònull, ’s e ri suaipe le làimh, ag ’cur stad air a sheanchus, ’s e ’n deaghaidh cuach a lìonadh ’us òl ’fhad ’s a bha Iain ag cur dheth, “tha mi ’g aideach nach ’eil pìobaire ’s an t-siorrachd, no ’s a’ Ghàidhealtachd, ge mor am facal e, cho math riut, ’Iain Chamrain, agus chuala mi an Diuc fhéin ga radh, is iomad uair sin, agus bha pròis orm air a shon, agus tha dochas agam gu’n toir thu port do’n duin’-uasal so agus dhomh fhein mu’n dealaich sinn a nochd; ach cha’n urrainn dhomh ’aideach gur tu ’s eòlaiche air àrach tharbh. Agus faodaidh tu fhein farraid mu’n chùis de Alastair Mac-an-t-Saoir sgalag an Diùc, bha e ’s a’ bhàthaiche an uair a rugadh an tarbh, agus innsidh—” “Am fear-mor port no port a gheibh sibh bhuamsa nochd, ’s tu cho daobh rs taghan, a Dhònuill Thuilm, agus bha riabh; agus air son Alastair Mhic-an-t-Saoir, sgalag an Diùc, am bheil duine eadar dà chrioch na dùthcha aig nach ’eil fhios nach ’eil ann ach an t-ùmpaidh aineolach, briagach.” Thug an dithis dhaoine, ’an so, glideachadh air an an ais air na cathraichean aca, agus sheall iad an aodunn a chéile ’s cha b’ ann idir le faoilte. Bha Iain piobaire na ’Ghaidheal sìnteach àrd air a’ chnàimh, gun mhòrnaich feòla—a shùil beò na’n seasamh na ’cheann—a bhathais leacach, cas, iosal, ’s i air a tubhadh le tom fuilt cho donn ris an fhraoch; bha e moran na bu chorruigeanta na ’ghoistidh an gìomanach—fear a bha corran a ghruadhach, ’s a bhial mor, goilleach, ’s a leac a dh’àraich giùthasach fiasaig, a réir coltais, air chost claban a chinn a bha cho lom ri ’bhois, ’s eadh, a bha ’fiachainn fuil Ghallta bhi ’n cuidiginn bho ’n do thàrmaich e, ged a bha agalladh a chainnte, agus deisead a Ghàidhlig, a’ nochdadh gur h-ann ’s an Airde-niar a bhuaineadh e. Na ’shuain-chadail fo chathair a’ phiobaire bha Fionn a chù chaorach, ’s e ach beag cho catharra ri ’mhaighistir; agus air a bhlian thall an oisinn làmh ri gunna ’ghiomanaich, bha Jet cù-ianaich còir Dhònuill. An uair ràinig an cònnsachadh an ìre so, chuir Beitidh le seorsa de bhalla-chrith bhuaipe an stocaidh, agus theann i stigh dh’ fhiach an cuireadh i sith orra. Fhuair i am piobaire air a bhonnaibh air an ùrlar ’s a phiob na ’achlais, ’s e ’s a’ chrogairt ’s an dorcha a’ siubhal a bhoineid agus tuar fior dhroch [TD 331] [Vol. 5. No. 43. p. 3] ghean air. “Gabhaidh sibh aon chuach eile bhuam fhein, a Mhr Camran, mu’m falbh sibh ’s an oidhche cho fuar,” osa Beitidh. “Is fior phuinnsein uisge-bheatha a fhuair sinn bhuaibh a nochd, a Mhrs MacDonald, bheireadh e ’fhoighidinn bho dhuine sa bith,” os am piobaire cho ascaoin ’s a b’ urrainn da. “Gu dearbh, a Mhr Camran, cha’n ’eil sibh fada ’m mearachd,” osa Beitidh gu bith, ’s i ’n ti air gean a chur air an aoidh ge b’ann air chost ainm an tighe e, “agus tha mi glé thoilichte gu’n d’ thàinig sibh thairis air—b’ éudar dhomh stuth Ghlaschu a thairgse dhuibh a nochd. Na h-uaislean, an uair a bha ad ’s a’ bheinn-sheilg an dé, thug iad leotha ’s na searragan aca a h-uile diar a bh’ agam de Bheinn-Nibheis—cha d’ fhàg iad fiu a’ bhoinne agam. Ach bho’n nach ’eil comas air, a Mhr Camran, cha’n fhaod sibh a bhi cho diumbach dhiam ’s m’ fhàgail ’s an doigh sin.” “Tha ’n t-uisge-beatha math gu leoir, ach a ghabhail le cridhe taingeil, a Mhrs MacDonald,” osa Dònull. “Ach tra a bhios duine ann air am bi pròis ’us moit a chionn cuairt a thoirt ’an cois urracha-mora—ni, le cead duibhse, a rinn abhac an Diuc; bidh e ’n duil, ma dh’ fhaoidte, nach aithnich duine ach e fhéin Na Tulaichean’ seach ‘Seann-triubhas.’ Stòp eile, ’bhean-an-taighe, Oidhche mhath dhut, ’Iain—sid air do bharrachd mèinars!” Mu’n àm so fhuair Iain a bhoineid agus ràinig e an stairsneach, ach thionndaidh e stigh air a shàil a ràdh ’s e ’tomhadh a dhuirn ri Iain: “Tha thu cho aineolach ris a’ chu, a Dhònuill Thuilm, agus cha’n fhiach leam corrag a chur ort; ach iarraidh tu fhathast orm a’ phiob a thoirt leam oidhche do’n Chlachan, agus bidh Aonghus do mhac toileach mi ga ionnsachadh air a’ phiobaireachd, agus an uair a thig e bidh duil aige ri cuicheineachd fhaotainn de Pheigidh! Ach, a Dhònuill, a charaide, bidh tu beò ri ’fhaicinn nach b’ oidhche an àigh dhut a dh’ òl thu air mo bharrachd oilein-sa!” Leis a’ bhrà-stròiceam so a chrun e le cith-foghair de spliunnsaig-dhulain a dheanamh ri sròin a’ ghiomanaich, choisich e cho uallach ’s bu choltach dha, ’s làn leth-bhodaich de uisge-beatha garg a bhi aige fo chrios—a mach as a’ Chlachan rathad a’ mhaim, dhachaidh; agus leis cho dalma ’s a bha e ’cur roimhe an fhearg a chumail, cha do ghabh e dha fhéin, ge bu déigheil air e, agus ge b’ ònrachdach an t-slighe, urad ’s “Fàilte-a’-Phrionnsa,” air eagal ceòl na pioba ga ’tàladh air falbh. Agus bha Fionn a chu ag coiseachd fo ghruaman ri ’shàil. Cha d’ fhuirich an giomanach ach goirid an deaghaidh a’ phiobaire; rinn e lachan beag gàire mar a bha esan a’ dol as an t-sealladh; agus ’an sin thosd e gu sàmhach, dòmh. ’An ceann greiseige, thuirt e ’s e ’g éirigh gu falbh: “Tha bhuam mo chòir de ’n lach a phàidheadh, a bhean-an-taighe.” “Coma leibh sin a nochd, a chialain. Bidh sibh a bhos a màireach no ’n earrar, agus còrdaidh sinn.” “Togaibh an t-airgiod,” os an Tolmach gu dalma, “iarraidh e mathanas ormsa mu’n òl mi boinne tuille na ’chuideachd.” “Tha ‘n gnothach gu h-olc,” osa Beitidh thruagh, ’s i ’sileadh nan diar a’ sineadh a’ mhùthaidh dha. Feasgar an latha sin fhéin bha Peigidh níghean a’ phiobaire ag obair gu sùrdail ’s an tigh-bhainne. Bha aitreamh a’ phiobaire gu geal leis fhéin ’am bun a’ Ghlinne, a mach ’s a stigh mu leth-mhile bho’n Ionbhar. An gràinne chaorach a bh’ air feadh a’ ghlinne, agus I. C. air a thearradh air an cliathaichean ceigeach, bu leis a’ phiobaire iad. Bu leis cuideachd an crodh a bha ri àin an latha a’ fionnarachadh an cas ’s an allt-mhòintich a bha ’ruith do’n loch romh mheadhoin a’ ghlinne seach fearann ’us treabhair a’ phiobaire. Bha e gu soimeach air a chothrom, agus cleas feadhnach a tha ’fhios aca fhéin tuilleadh airgid a bhi air chul an làimhe na ’th’ aig an coimhearsnaich, bha e ’n duil gu’n robh còir aige air fearas-mhòr a bhi ann na ’uaireannan. An fheadhainn dh’ am b’ aithne am piobaire bha ’fhios aca, co sa bith air am biodh a shealbh còir bho’n chéir fhaighinn air an aon nighinn aige, Peigidh, nach ann falamh a gheabhadh e i. Agus bha e soilleir nach bu rud gun fhios ciod e a bhiodh ’s an tochradh, leis mar a thòisich muinntir an Ionbhair air cunntadh-chorrag a dheanamh air a liuthad tobar a bha ’cur a stigh do’n phiobaire. ’S a’ chiad dol-amach nach robh am fearann ann: ’s e bàrr a’ phiobaire a bu luath-thorraiche agus a bu truime ’s an duthaich; bha mhuilt-fheoil daonnan sultmhor, agus cha robh am piobaire gun deagh-fhios aige cuine agus càite an reiceadh e. Agus cha robh uile air oighreachd an Diuc nèapan a b’ fhearr cinneachadh. Agus co am bainne a chuirteadh ’an coimeas ri bainne ciodh a’ phiobaire; agus air son im a’ phiobaire dheth—air a mhaistreadh le lamhan grinne-glana a Pheigidh fhéin, dé ’th’ air ach nach fhaìghteadh, air ghaol no air airgiod, anns a’ sgireachd no aisde, im a b’ fhearr. A thuilleadh air sin, nach robh tigh a’ phiobaire air àilein deisearrach, os cionn an loch air an dalla taobh, agus air an taobh eile fradharc aige air a’ ghleann, ’s gun e ach uidhe chrion bhò’n t-sealladh-fhuinn ’bu chiataiche, bho thaghadh ’s rogha na seilge, agus bho’n iasgach a b’ fhearr ’s an Airde-niar—’s e ’bh’ air dheth, cha robh fios dé a bha e ’tilgeil dha ’s a’ mhios. Air a shuidheachadh ri “uaislean” gach Earrach, ’ns Samhradh, ’us Foghar—’d eile ’bh’ ann ach fear de na gocan sin a bha ’sputadh òir ’am pòcaid a’ phiobaire. A chuid bu mho de’n bhliadhna bhiodh daoine-mòra air aoidheachd air an Diuc ’an caisteal an Ionbhair; agus b’i obair a’ phiobaire, agus a thoilinntinn, a bhi dà uair an uaireadair, a h-uile latha, (ach Di-dònaich agus bhiodh e ’doichioll an Dònaich) a’ spaidsearachd air ais ’s air aghart ’an talla-mor a’ chaisteil, ’fhad ’s a bhiodh an Diuc ’s na h-uaislean aig an dinneir, ’s a phiob a’ rusgadh ciuil a ghiarachadh caile ’s a dhileadh lòin; agus cha bhiodh ach spiocaire no fear gun oidheim ’s an fhear nach cuireadh gu h-eireachdail rud a dh’ fhairgheadh e—peighinn-phisich, ’an làimh a’ phiobaire. Bha gaol a chridhe aige air an airgiod, agus cha bu duine e air an robh a’ choltas airgiod a ruith romh chorragan ach e dh’ fhaighinn aon uair greim air, ’s cha mho ’bha fear ’s an Ionbhar aig an robh a’ leithid de chothrom air a stòras a chur ’am miad. Ach gaolach ’s g’an robh e mu’n airgiod, gaolach ’s g’an robh e mu ’chuid chaorach, ’us chruidh, ’us each, ’s mu dhram, ’s mu’n phiob, b’i Peigidh, a’ mhuirneag ghaolach, a nighean, aon ionmhas a chridhe. Dh’ fhaoidte nach robh buaidh na fìnealtachd air, ach ’an ceilt fo shlige chruaidh an duine, bha cridhe blath a’ Ghàidheil ’s a’ phlosgail le tlàth ’s ’us caoimhneas dise. Mar a thuirt sinn, bha Peigidh na ’seasamh air leacan grinne-glana an tighe-bhainne ’s i ’g obair gu sùrdail. A measraichean sgùrte bainne fo stràc de smear an uachdair air fraidhean ceithir thimchioll a’ bhalla. Bha ’n tigh-bainne fionnuar, duatharach, ’s fàileadh ùror a’ bhainne ’s nan luibhean a bha ’stréupadh ris an uinneig, ag co-thlamadh ’an ceann a chéile gu cùbhraidh, caoin. Eadar thu ’s lias romh na luibhean chitheadh tu bho’n uinneig cian le leathad, sealladh de’n loch, de’n spéur liath-ghorm, agus, fada thall na beanntan fo thrusgan fraoich. Bha’n dorus fosgailte, agus deò-ghréine an fheasgair sin cha d’ éirich air cruth a bu taitniche na ’chruinneag aobhach, chuimir, Ghaidhealach, ’s a muilchinnean ’an trusadh mu ’gàirdein, prìne na ’gùn air a chùlthaobh, agus sùrd aice air pullagan ciatach ime a chumadh le càdhmus, agus gach pullag mar a chumadh i, ga ’leigeil, le tionndadh deiseal, ealanta, a làimhe, ann an currusan de dh’ uisge an fhuarain, a bha na ’sheasamh làmh rithe. Bha luinneag bhinn òrain aice ga ’gabhail—seann fhonn tiamhaidh, Gaidhealach, ’s gun de luchd éisdeachd no ’chuideachdas aice ach Diàna ’s i na ’surram-suaine ga ’grianadh fhéin air an stairsnich. A’ chlisgeadh thug Diàna togail air a ceann ’s air a cluasan, agus rinn i comhart; dh’ fhairich i tartar ’s léumar i sìos am frith-rathad; agus chuala Peigidh ’s i air sgur de’n chrònan, guth a’s math a dh’ aithnich i, ag radh: “Laidhe, Diàna; laidhe—nach dian thu laidhe!” Chum an rìbhinn air a h-obair, agus dh’ fhaoidte laiseadh beag rughaidh na gruaidhean a’ brùchdadh romh losgadh an latha, ri cluinntinn di aig dorus an tighe-fhuine, “A Pheigidh!” agus fear a’ tionndadh a cheum thun dorus an tighe-bhainne. “O, ’Aonghuis, an tusa ’th’ ann!” osa (Air a leantuinn air taobh, 334.) [TD 332] [Vol. 5. No. 43. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton. SIDNI, MAIGH 1, 1897. Tha eagal oirnn nach eil na Greugaich a’ dol a thoirt buaidh air na Turcaich idir; ’s ann a tha e gle choltach gu ’n toir na Turcaich buaidh orra-san. Chaidh a’ chuid bu mhotha de na blàir leis na Turcaich, agus tha iad a lion beagan us beagan a toirt air na Greugaich tuiteam air an ais. A reir mar a tha iad a’ deanamh an dràsda cha bhi ’n ùine fada gus am bi iad air an ruagadh gu Athens, ceana-bhaile na rioghachd, ach ’se ’s docha nach leig na rioghachdan mora leis na Turcaich sin a dheanamh. Tha sluagh Athens a’ cur na coire gu h-iomlan air an righ; tha iad a deanamh a mach nach robh ceannardan an airm air an taghadh air son an eòlais air cleasachd airm, no air son an treubhantais, ach a chionn gu robh iad ’nan càirdean do’n righ. Tha e soilleir gu leòr nach robh cùisean an airm Ghreugaich mar bu chòir dhaibh a bhi, agus tha ’n righ air a choireachadh leis an t-sluagh; agus tha e cunnartach gu’n éirich ceannairc na aghaidh. ’S i bharail chumanta nach mair an cogadh ach beagan lathaichean na’s fhaide, oir cha’n eil a Ghréig comasach, anns an t-suidheachadh ’sam bheil i ’n dràsda, air a chumail air adhart. A sheachdain gus a bhòn-de bha ’n tariff ùr air a cur air beulaobh na pàrlamaid leis an Onarach Mr. Fielding, agus thainig e air ball gu bhi na lagh anns gach cearna de’n dùthaich. Cha robh atharraichean mora sam bith air an deanamh—bha chis air a h-isleachadh air cuid de nithean agus air a h-àrdachadh air nithean eile. Bha cis an fhlùir air a h-isleachadh bho 75c am barailte gu 60c; tha a’ chis air a mhin-bhuidhe 15c na’s isle; agus tha i air a toirt bhar a’ chorn gu buileach; bha cis na’s àirde air a chur air tombaca ’s air deoch-làidir; tha sent am punnd air an ti chumanta, agus da shent air an ti a’s fhearr; tha cis an t-siùcair rud beag na ’s isle na bha i. Tha ’n aon chis air a ghual ’sa bha air roimhe, ach ma dh’ islicheas na Stàitean cis a’ ghuail, nithear sin an Canada mar an ceudna. Tha ’n tariff mar an ceudna a’ rùnachadh bathar a thig á Breatunn a leigeil a stigh air cis a bhios an ochdamh cuid na’s lugha na a’chis a bhios air bathar a thig á dùthchannan eile; agus an deigh a cheud latha de dh’ Iulaidh air an ath bhliadhna, bìdh i an ceathramh cuid na’s isle. Mar sin, far am bi dolair de chis ri phaigheadh air bathar a thig as na Stàitean no á dùthaich cháin eile, cha bhi ach tri-chairteil dolair ri phàigheadh air bathar a thig á Breatunn. Bheir so cothrom do Bhreatunn a thaobh Chanada nach bi aig dùthaich sam bith eile, agus tha dòchas aig an Riaghladh gu ’m bi barrachd malairt a dol air adhart eadar Canada ’s an t-seann dùthaich ’sa bh’ eatorra riamh roimhe. Dh’ fhaoidte gu ’n toir sinn cùnntas na’s mionaidiche air an tariff aig àm eile, ach tha na h-atharraichean bu mhotha rinneadh air an ainmeachadh an so. Leis cho tuaireapach ’sa bha cùisean eadar a’ Ghréig ’s an Tuirc, o chionn da sheachdain air ais, cha robh daoine toirt moran aire do na bha ’dol air adhart ann an Cuba; ach tha e coltach nach robh ceannaircich an eilein sin idir ’nan tàmh, ach gu robh iad gu dichiollach ag obair, agus tha sinn a’ cluinntinn gu bheil greim na Spainne air an eilean a sior dhol na ’s laige. A dh’ aindeoin na h-ùine tha iad a’ tarruing, tha dòchas laidir aig moran gu’n tig air an Spàin an t-eilean fhàgail. “Gug-ùg,” arsa chuthag, latha buidhe Bealltuinn. ’S e ’n diugh Latha Bealltuinn, agus ’s iomadh aon nach smaoinich air gus am bi e seachad. Anns an duthaich so tha chuid mhor cho aineolach air Latha Bealltuinn ’sa tha iad air a’ chuthaig. Aobhair Cogaidh. Mu ’n àm a bha na Stàitean ’g an ùr-àiteach leis na daoine geala, bhrist cogadh a mach eadar da thrèibh Innseanach, agus ’s e leumadair-feòir bu cheann-aobhair dha. Rug gille de dh’ aon treubh air leumadair, agus bha gille de ’n treubh eile air son fhaotainn dha fhéin; mar sin thòisich an tuasaid eadar na gillean, agus m’a dheireadh thainig an da threubh a mach an aghaidh a chéile, ’s mar a b’ àbhaist, rinn iad sgrios uamhasach mu ’n do sguir iad. Theirte “Cogadh an leumadair” ris a’ chogadh so. Thòisich cogadh eadar an Fhraing us Sasuinn uair air son ni a cheart cho faoin. Thainig soitheach Sasunnach agus soitheach Frangach aig an aon àm gu Bayonne ag iarraidh uisge; agus cha ’n fhoghnadh ach blàr a chur feuch co aca gheibheadh an t-uisge ’n toiseach. Air son sin chaidh an da dhùthaich d’ am buineadh iad a chogadh, agus bu chogadh searbh e; mu ’n do sguir iad, bha mu leth cheud mile duine air am marbhadh air gach taobh. Bha taghadh fir-pàrlamaid ann an da shiorrachd am Manitoba Di-màirt s’a chaidh, agus ann an siorrachd a’ Phrionnsa, E. P. I. Fhuair na liberals a stigh anns na tri àiteachan. STOR UR TAILLEARACHD. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair, MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 333] [Vol. 5. No. 43. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha an soitheach-smùide Harlaw air tòiseachadh aìr a cuairtean àbhaisteach eadar Halifax us Newfoundland. Chaidh sianar dhaoine a mharbhadh ann an Rossland, B. C., o chionn ghoirid le meall de chreig ’s de dh’ ùir a thuit orra, ’s iad ’nan cadal ann an campa air taobh beinne. Bhrist teine mach air laimhrig ann an Newport, Virginia, Di-màirt s’a chaidh, agus loisgeadh soithichean a bha ’n ceangal rithe, agus moran bathair. Tha ’n call air a mheas aig da mhuillein dolair. Ann an rathad curachd thatar ag radh gur fhad o nach robh earrach cho tràth ann an Ceap Breatunn ris an earrach so. Tha na tuathanaich ag obair air deanamh an talmhainn deiseil, agus cha ’n fhada gus an tòisich iad air cur an t-sil. Tha fear Aonghas Caimbeul a’ fuireach air taobh siar na h-Aimhne Meadhonaich, a tha ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois, agus thug e seachad a bhòt cho math ris na daoin’ òga. Tha cuid dhe ’n bharail gur h-e fear-bhòtaidh a’s sine th’ anns a’ mhor-roinn. Thainig nighean d’ am b’ ainm Mabel Clements ri beatha fhéin ann a’ Halifax oidhche Di-satharna s’a chaidh, le i-fhein a thilgeadh thar laimhrig do ’n acarsaid far ’n do bhàthadh i. Thatar ag radh gur h-e thug oirre sin a dheanamh gille ris an robh i deanamh suas ’ga fàgail. Chaochail nighean d’ am b’ ainm Emma Mhàrtuinn anns an ospidal am Boston o chionn ghoirid, agus dh’ fhairtlich orra fhaotainn a mach càite ’m bheil a càirdean a’ fuireach. Bhuineadh i do dh’ àit-eigin an Nobha Scotia, agus bha i mu sheachd bliadhna fichead a dh’ aois. Tha e coltach gu bheil an deigh mhor air a fuadach air falbh bho Cheap Breatunn gu buileach. Bha i ri faicinn á caochladh chearnan de ’n eilean toiseach na seachdain, ach na fiosan mu dheireadh a thainig, cha robh iomradh oirre; tha dòchas a nise gu fan i air falbh ’s gu leig e leis an t-samhradh tigh’nn ugainn. Chaidh fear Domhnull Domhnullach, a mhuinntir Chanso, N. S., a bhàthadh ann an acarsaid Ghloucester, Mass., oidhche Dior-daain, air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair air soitheach-iasgaich a bh’ aig an laimhrig, agus fhuaireadh a chorp anns an uisge ’sa mhaduinn. Thatar a’ deanamh a mach gur e tuiteam a rinn e ’s e dol air bòrd. Bha e mu cheithir bliadhna fichead a dh’ aois. Thainig soitheach a stigh do New York Di-luain s’a chaidh air a turus á Brasil, an ceann a deas America, agus bha aice air bòrd àireamh de luchd-imrich a dh’ fhalbh á Canada air an t-samhraidh s’a chaidh, ’sa tha nise tigh’nn dhachaidh. Is Frangaich a mhuinntir Chuibeic iad, agus chaidh iad do Bhrasil an dùil gu ’m biodh am fortan deante na ’m faigheadh iad ann; ach bha iad gu mor air am mealladh. Thugadh dhachaidh iad air cosdas an Riaghlaidh ’s iad fhéin gun sgillin ris an t-saoghal aca. Chaidh soitheach iasgaich Frangach a bhristeadh air meall deighe mach air na bancaichean air an 16mh latha de ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha tri fichead ’sa tri deug air bòrd, agus thug iad na bàtaichean orra, ach uige so, cha d’ fhuaireadh sgeul ach air luchd aon bhàta, agus cha ’n eil beò dhiubh sin ach a ceathrar, Bha iad sin anns a bhàta da latha dheug mu ’n deach an togail le soitheach; bha iad uile air a dhol as an rian, cho mor ’s gu robh iad an deigh feòil fear de ’n companaich itheadh. Cha’n eil fhios co-dhiu bhios iad beo no nach bi. Tha dùil ri deich muillein buiseal de chrithneachd a chur a null do ’n t-seann dùthaich am bliadhna troimh phort Mhontreal. Bidh an gràn air a ghiùlan air soithichean-smùidhe. Tha càraid ann am Maitland, N. S., Seumas Caimbeul agus a’ bhean, a tha pòsda o chionn tri fichead bliadhna ’sa tri. Phos iad ’sa bhliadhna 1834, agus tha iad le chéile dlùth air ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Tha cuid a’ deanamh a mach nach bi Bram air a chrochadh idir, ged a fhuaireadh ciontach e, ’s ged a chaidh a dhiteadh gu bàs. ’S neònach an lagh a th’ aca ’sna Stàitean ma leigear a bheatha le leithid sid de dhuine, an deigh a chiont a dhearbhadh cho soilleir. Chaidh Frank Butler, am fear a chaidh a ghlacadh air bòrd soithich ann an San Francisco toiseach Februaraidh, air amhrus gu’m bu mhurtair e, a thoirt air ais do dh’ Astralia, agus tha e nise seasamh cùrtach ann an Sidni, N. S. W. Tha àireamh mhurt air an cur as a leth. Tha Eilean Phòil o chionn choig miosan air a dhunadh a mach o’n chuid eile dhe ’n t-saoghal. Ann an Desember bhrist an càball eadar e ’s tir-mor, air chor ’s nach robh dòigh air fios telegraph a chur as no ann. Agus bha ’n deigh mhor cho dlùth timchioll air ’s nach faigheadh soitheach no bàta ’na chòir. Chaidh caileag bheag, aois cheithir bliadhna a mharbhadh le aon de na carbadan electric ann an St. John, N. B., a sheachdain gus a bhòn-dé Chaidh an carbad thairis oirre, agus riabadh i air dòigh eagallach. Bha a màthair ’g a h-amharc ’nuair a chaidh marbhadh, agus tha i uaithe sin air a dhol as a rian. Thaghail an t-Urr. Domhnull Mac Leoid, M. A., a stigh againn Di-ciaduin, ’se air a thurus do na Narrows Bheaga far am bheil e gu bhi ’searmonachadh fad a mhios so. Bha e ann an Grand River air a mhios Mhàrt, agus ann an Louisburg an April. Thainig e mach á Leòdhas o chionn cheithir bliadhna, agus bha e chuid mhor dhe ’n uine uaithe sin ann am Manitoba. Tha na bàtaichean-aiseig a nise ruith eadar Sidni us Sidni Tuath mar a b’ àbhaist daibh. Thòisich iad air ruith mu mheadhon na seachdain. Tha, mar an ceudna, soithichean-smùide air tigh’nn a dh’ iarraidh guail ’s cuid diubh air falbh le luchd. ’N uair a chluinnear fideagan nam bàtaichean, cha ’n urrainn neach gun a thuigsinn gu bheil an geamhradh seachad, ge b’e de cho fad as ’sa tha ’n samhradh. Tha moran Ghreugach a fuireach ann an America, agus tha àireamh mhor dhiubh ag ullachadh air son a dhol dhachaidh a chogadh ris na Turcaich. Tha grunnan math a fàgail Montreal an ùine gun bhi fada. Bhatar a’ meas gu robh mach ’sa stigh mu mhile dhiubh a’ gabhail an aiseig o’n taobh so dhe ’n chuan air an t-seachdain so. O chionn da sheachdain air ais, mhort fear Kelly cléireach a bh’ ann am banca an Great Falls, New Hampshire, agus an sin ghoid e da mhile ’s còig ceud dolair de dh’ airgead. Theich e do Chanada, ach an ceann beagan ùine bha na maoir air a thòir, agus chaidh a ghlacadh ann am Montreal, far am bheil e nise fo ghlais. Tha e doirbh do fhear-deanamh an uile, air an latha ’n diugh, e-fhéin fhalach far nach beir lagh us ceartas air. BAS. Aig Stirling, an siorrachd Richmond, air an 21mh latha de dh’ April, Iain Mac Dhiarmaid, tri fichead bliadhna ’sa naodh a dh’ aois, a fàgail bantrach, dithis mhac, us triùir nighean a chaoidh céile agus athair gràdhach. Chaochail a mhac bu shine ann an Stockton, California, o chionn da mhios. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1.00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail thoirt dha. [TD 334] [Vol. 5. No. 43. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 331.) Peigidh le clisgeadh, na’m b’ fhior i, “shaoil leam gu’n d’ thuirt thu ’n dé gu’n robh a’ Bhìrlinn a’ dol gu Rugha-nan-caorach ’an coinnimh uaislean?” “Dh’ atharraich an Diuc beachd, no fhuair e fios-dealain no rudiginn. Ach nach ’eil thu toilichte m’ fhaicinn—cha dian thu urad ’s crathadh-làmh ri duine?” “Tha mi sin glé thoilichte d’ fhaicinn, ’Aonghhis, agus ’s math ’tha ’fhios agad gu ’m beil, ach tha mo lamhan fliuch leis an uisge ’s leis an im, ’s gabhaidh tu mo leisgeul.” “B’i ’n fhàilt fhuar i, gu dearbh, ga ’cur air duine, gun urad ’s crathadh-làmh a dheanamh ris,” os Aonghus; ach glacar e misneach le miogshuil Peigidh ’s leis an leagadh ’s an robh a gruaidh ris, agus thuirt e: “dh’ fhaoidte gur sid a bha dhith ort,” agus thugar gu fearail té bhuaipe. “O, ’Aonghais Dhònuill, tra a dheanadh tu fhéin a leithid ’s tu ’faicinn gu’n robh mo lamhan ’an greim nàistinneach, agus nach b’ urrainn domh deanamh air mo shon fhein!” “Ma ’s ann mar sin a tha,” os Aonghus, “thoir dhomh air ais i,” ’s bha sid aige mu’n d’ fhairich Peigidh thall no bhos e. “O, ’s tù e! ’s olc is fhiach thu an deoch de’n bhainne-bhlàth so a tha mi ’dol a thoirt dut.” Thiormaich Peigidh a lamhan na ’h-aparan glan fhéin ’s thionndaidh i ’lionadh cuirn á té de na measraichean. “Ma ta, ’Pheigidh, cha’n ’eil ’fhios nach ’eil tuilleadh ann ’s a tha mi ’toilltinn,” os Aonghus ’s e ’breith air a’ chòrn as a làimh, ’s ga ’chur ri ’cheann, “ach, sid air do dheagh shlàinte, a Pheigidh! “Gu dearbh tha mi ’làn-chreidsinn gu ’m b’ fhearr leat na ’uisge-beatha e,” os an nighean ’s Aonghus ga ’òl. Ach thug Aonghus a bhriathran gu ’n robh i ’togail alla air. “Nise, a Pheigidh, cuir ort d’ ad, agus tiugainn leam,” os Aonghus tra a dh’ òl e a dheoch. “Leat! ’Aonghuis, an ann a riribh a tha thu? nach ann a dh’ fhaighinn leasain air’ a’ phiob a thàinig thu? Ach cha ’n eil Daid aig an tigh an diugh—chaidh e null rathad a’ Chlachain còmhla ri d’ athair—bidh e gle dhuilich nach fhac e thu?” “Tha toil tur agam thu ’dhol leam thun na tràghad, a Pheigidh, tha mi ’dol a dh’ fhiachainn rudiginn dut, agus cha ghabh mi ’n diùlt.” “A dh’ fhiachainn—rudiginn—domh—Aonghuis! ach bhiodh Daid diùmbach dhiam na’n tigeadh e dhachaidh ’s mi bho’n tigh, ’s fhaighinn a mach mi ’bhi ’gloidhcealachd leatsa air an tràigh.” “Gabhaidh mis’ an urruinn ri sin, a Pheigidh Chamran.” “Teann ma ta, tha ’m maistreadh deas agus faodaidh mi an t-aran fhuineadh an uair a thilleas mi, ach”—theann i ri teabartaich. “Ach so,” os Aonghus, agus togar leis an currusan ’s an robh an t-ìm do’n tigh-fhuine, ’s lean Peigidh e. “Nise cuir ort d’ ad agus tiugainn.” Fhad ’s a bha Peigidh a’ toirt làimhe-sgioblachaidh oirre fhéin, ghlais Aonghus dorus an tigh’-bhainne, ’s chroch e ’n iuchair air tarraing ’s an tigh-fhuine. Dh’ fhag iad Seònaid aig an tigh a chualach a’ chruidh agus g’am bleoghann; agus thog an dithis orra gu h-aotrom, sùnntach air cheann an turuis. Bha iad na’n càraid mhuirneach, thlachdmhor, agus sheas Seònaid, ’s cha robh i fhéin ro mhì-chiatach, sheas i greis air an stairsnich a ghabhail beachd orra, ’s theagamh cìocras-fadail oirre mu Chalum—mar a choisich iad sìos am frith-rathad a bha ’g iathadh mu’n lòn, thun na drochaid aig a’ chachleith,agus bho sin tarsainn an t-achadh a dh’ ionnsuidh an loch. Bha miadachd mhath àirde ’am Peigidh agus i cuimir, dealbhach, ga réir, ach cha ruigeadh i ach a’ ghualainn do Aonghus. Bha ’h-aodunn ùror, grianach, soillse ’s neòil a’ mireag air le saighdeadh a réir an fhuinn a thuiteadh a bhi oirre. Bha i òg, cha deach i fhathast a mach as na diagaichean, làn de impidh ’s de reachd na h-òige, a bha ga’n nochdadh fhein gu tric ’s an lachan chridheil ghàire nach bu duilich a thogail; a cridhe caoimhneil, tlàth, mar a bha a sùil chraobhach, ghorm, ag còmhdach le brùchdadh dhiar ri cluinntinn sgial truaighe, no an uair a thuiteadh do neach no do nì mealladh oirre. Bha Aonghus na ’sheòladair; sia traidhean air àirde ann, slinnean gasda aige, ach gu’n robh sith bheag chruime ann an uair a bhiodh e ag coiseachd, ’aodunn iarnaidh, ach geanail, agus an t-sùil sin bu tlàithe ’s bu lugha gò, a shealladh gun fhiamh dìreach ’s an aodunn air urra. Thug e ùine mhor air Bìrlinn an Diùc, na ’làimh cho cinnteach ’s a bh’ oirre; agus bha iasgairean an Ionbhair a’ sealltainn-suas ris leis gach meas a bu dù do ghille-rùm an Triath, agus mar fhear a chuir ’eòlas ’an liad le taisdeal a thoirt uair ’us uair a suas am Mediterranean. “Ach ceana tha sinn a’ dol?” osa Peigidh ’an ceann greiseige, ’s Aonghus ag cumail thun rathad mor a’ bhaile—“Tha mi ’n dòchus nach ann do ’n Ionbhar còmhla mar so!” “Agus am beil nàire ort a bhi ’falbh còmhla riumsa, a Pheigidh Chamran?” “Nàire! carson a bhiodh nàire orm? Ach cha’n ’eil e ro ghrinn dol am bial an t-sluaigh an lòm an latha ghil sholuis, ’s gur h-ann ’bu choir dhòmhsa, ma dh’ fhaoidte, a bhi aig an tigh air cheann m’ oibre.” Thug e air Peigidh a bhi na b’ iomaguiniche mu ’h-ainm mar dheagh mhnaoi-thighe, an ceannaiche-bìdh a chur a làimhe na ’bhoineid ’s an àm ’s e na ’sheasamh gu luidneach air stairsnich a bhùth. “Dé ’s mo ort an sluagh, a Pheigidh; so an rathad,” os Aonghus ’s e ’tionndadh bharr na Sràid’-Airde thun na laimrig. “E! ’Aonghuis, nach bòidheach am bàta! Nach fìor bhòidheach e?” thuirt Peigidh tra a ràinig iad ceann na laimrig ’s a choimhead i sìos air bàtachan bòidheach a bha gu socair air an loch. “’S tha thu ga ’shaoilsinn bòidheach, a Pheigidh,” thuirt Aonghus ’s e ’sealltainn le pròis na h-aodunn lurach. “Cha ’n fhaca mi riabh a cho bòidheach—bho ’n nach faoileann a th’ ann air uchd an uisge!” “Geall riut nach urrainn dut a h-ainm a leughadh, a Pheigidh—eh?” Sheall an rìbhinn sìos gu fòil, agus ri sealltainn d’i, mhùth i nial. Bha Aonghus le làn-aighir ag coimhead oirre. An litrichean soilleir, gorm, air ghrùnnd daraich, bha ’n t-ainm—PEIGIDH CHAMRAN, ’S AN ION BHAR. Eadar. le CORRADHUIL. Fearas-chuideachd nan Gaidheal. Tha e aìr a chur as leth nan Gaidheal gu minic nach ’eil annta ach treubh dhaoine aig nach ’eil moran speis do ghnothuichean a tha feumail air son inntinn an duine a thogail a tura-chadal na steidhealachd gu toileachas-inntinn agus fearas-chuideachd neo-lochdach. Tha sinn am bitheantas a’ cluinntinn gu’n robh an Gaidheal cho lan de shaobh-bharailean agus de dh-eagal uilc ’s gur gann a thogadh e a ghuth os cionn ’analach, air eagal gu ’n toilleadh sin da miothlachd a mhinisteir. Tha mi ag aideachadh gu’n do rinn a chleir moran tuilleadh ann a bhi a’ cur fearas-chuideachd nan Gaidheal ann an lughad na bha ceart dhaibh a dheanamh; oir cha ’n e a mhain gu ’n do chuir iad fo chois moran de na cleasan neo-lochdach a bha na ’n caitheamh aimsir aig na Gaidheil, ach bhath iad gu buileach na faireachdainnean a bha air an cumail beo trid nan cleasan sin, le bhi a’ sparradh air an t-sluagh nach sealbhaicheadh iadsan a bha ’deanamh an leithide sin de nithe Rioghachd Neimh. Chuir so, faodaidh sinn a radh, sgarachdainn buileach eadar fearas-chuideachd agus diadhachd ann an suilean nan Gaidheal, air chor ’s a nis nach faicear ach fior bheagan de na cleasan a bha aon uair cho lionar, air gnuis a thoirt daibh idir. Cha ’n ’eil teagamh, air a shon so, nach e math an t-sluaigh a bha aig a’ chleir anns an amharc anns an ni so, agus uime sin cha ’n fhaod sinn a bhi cruaidh orra; agus ged a dh’ fhalbh an la anns am biodh oigridh a’ bogadh orra gu dol “air cheilidh” mar a chleachd ar n-aithrichean romhainn, tha aobhar toilinntinn againn ann a bhi ’smaointeachadh air gach fearas-chuideachd a bha ann, mar chaitheamh-aimsir as nach ruig leas naire bhi oirnn—cleachdainnean anns an robh fior thoileachas-inntinn neo-lochdach ri fhaotainn, agus far nach robh boilich no sglamhrainn no tuaileas ri chluinntinn. Cha robh feum air fearcathrach gu riaghailt [TD 335] [Vol. 5. No. 43. p. 7] a ghleidheadh, no air ceann-iuil gus an t-slighe a chomharrachad a mach do ’n chomhlan le ’m b’ ard-thoilinntinn a bhi “’G innseadh sheanchusan sporsail, Agus oran math Gaidhlig, Aig fear mu seach.” Ach ged a tha na gnothuichean so a’ siubhal seachad gu luath, agus ged nach ioghnadh ged a tha, am measg gach fasain uir agus gach spleadhachais a tha ’dol ’n ar lathainne, is iomadh gleannan samhach agus iomadh bothan iosal anns a bheil fathast ri ’m faotainn ga ’n cleachdadh moran de sheana chleasan nan Gaidheal agus is ann diubh so, “an gleann ’s an robh mise og.” Tha an doighean fein aig muinntir gach cearn agus sgireachd air fearas-chuideachd a ghiulan air aghaidh, agus leis a sin is e tha mhiann orm aig an am, siul a thoirt, cha ’n ann air fearas-chuideachd nan Gaidheal anns gach aite, ach nadur de bheachd a thoirt seachad air an t-seorsa fearas chuideachd a bha dol air aghaidh anns an sgireachd d’ am buin mi fhein, agus biodh gach fear ag aithris a sgeoil fhein mar a chi e freagarrach an deigh sin. Cha ’n eil mi ag radh nach faod cuid de na ceart chleasan air a bheil mi ri iomradh a thoirt a bhi lan-aithnichte ann an cearnan d’ an Ghaidhealtachd fo ainm eadar-dhealaichte o’n ainm a tha agamsa orra. Ma ’s e is gm ’m bi sin mar sin bu mhath leam cuideiginn ga ’n comharrachadh a mach. Mar tha fios aig gach aon, cha mhor nach ’eil e eucomasach ceartas a dheanamh do chuspair d’ an t seorsa so ach a mhain le bhi ga ’r cur fein mar gu ’m b’ann am broilleach na cuideachd, agus a cluinntinn air ar son fein de tha ’dol air aghaidh, agus mar sin tha mhiann orm seorsa de beachd a tharruing air fardach na fearas-chuideachd. Is ann an uair a tha an oidhche fhada gheamhraidh le a neulaibh gruamach air tighinn, is bitheanta leis a’ cheilidh dol air bonn. An deigh ciaradh an fheasgair ged a tha plosgail eagallach na stoirm ri chluinntinn air feadh shlugan a ghlinne, agus tailmrich nan eas a’ dusgadh mic-talla nam beann; ged tha tonnan uaibhreach a chuain bhith-bhuain ri boile-chatha air gach rugha agus sgeir, cha chum sud luchd na ceilidh aig an cagailt fein. Tha an cuireadh air a thoirt seachad, agus cha chluinn thu fad an latha o bheag ’s o mhor ach “Bidh tu thall a nochd.” Is e sin a chabhag; Dughal Ciobair-crithneach ’s mar tha e, a sgriobadh dheth na feusaig, am feadh a tha Peigi bheag a faotainn an ordugh a h-aodaich uir; Alasdair mor, an deigh cuairt a chur air Cruach an Uillt Fhearna, agus e gun sgios no allaban, ged a bha aobhar ga leoir aige air son a h-uile cuid dhiubh, a’ seisdeadh air glananh ’aodainn gun fhios nach ann air a rachadh ballachadh an toiseach air son “dallan-da;” Sine a’ Ghlinne a freasdal thall ’s a bhos, a’ cur ghnothaichean an ordugh mar a b’ fhearr a b’ uraainn di. Ma dheireadh tha gach rubail seachad, agus am measg uisge gaoth, tha aon an deigh aoin a ruigheachd tigh Chaluim-dhuibh far an robh a cheilidh ri bhith. Ciod a chuireadh fuachd no sneachd oirnn! Ged bha, mar thuirt am fear eile e— “An oidhche nis air fas ro shalach, Bhruchd na tuiltean troimh na gleannaibh, Fhreagair creag a’s beinn le farum Fuaim na gaillinn air an raon.” Cha deanadh so ach ceum a ghreasad gus an tigh bhlath, sheasgair, a bha taobh eile a’ ghlinne. Tha an comhlan a nis cruinn, agus is i a’ cheist ciod a theid sinn na dhail an toiseach. “Tha mi fhein cho lan an deigh na dh’ ith mi d’ an bhuntata agus de na piocaich chruaidh sin,” arsa Donnachadh-fada, “’s nach urrainn domh ni air bith a dheanamh an traths’ mur an innis mi sgeulachd.” Thoisich Donnachadh agus dh’ innis e mu ’n ghaidsear a thuit leis a’ chreig, an uair a bha e as deigh Raoghnail Bhain air son a bhi ’grudaireachd ann an Uamh-na-sgurra; agus is iomadh langan mor gaire a thug sinn asainn mu ’n robh e troimhpe. “Thoir a nall an neapaicin fada sin cul an doruis agus cuir air mo shuileansa, e,” arsa fear an tighe. Chaidh an neapaicin fhaotainn agus a cheangal gu teann, gramail, mu shuilean a’ bhodaich, agus m’ an abradh tu sud e, bha gach speir a bha stigh air an urlar. “A nis,” ars’ am bodach, “an uair a chunntas mise fichead, faodaidh gach aon deanamh air a shon fein;” agus is ann mar sin a bha. An taice an dallain-da ghabh iad, a’ brath an cinn ’s an cesan a bhristadh a’ teicheadh roimh ’n bhodach, agus aige theagamh ri breith air gach aon tri (Air a leantuinn air taobh 336.) Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c., SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co. Mai 4.; ’95 [TD 336] [Vol. 5. No. 43. p. 8] (Air a leantuinn o thaobh 335.) uairean. Mar a bha gach aon air a ghlacadh bha e a’ falbh agus a’ deanamh suidhe as an rathad agus ge b’ e co a bha air dheireadh is ann airsan a thigeadh an neapaicin a chur suas a rithist. Chaidh so seachd agus ghlaodh cuid-eigin ciod an ath rud a bha ri bhi againn. “Theid sinn a rionn an fheidh,” arsa fear an tighe. Bha gach aon toilichte deonach; agus an dail an fheidh ghabh iad. Ghabh fear an tighe a’ chroic, mar is abhaist, agus an deigh fios fhaotainn bho gach aon ciod a’ chuid a roghnaicheadh esan no ise d’ an fhiadh, thoisich fear an tighe air eigheach a mach. “Tha mo chroic a’ direadh bruthaich; tha mo chroic a’ togairt eirigh; tha mo chroic a’ dol do ’n bhuireadh,” &c., agus gach aon an deigh a cheile a caradh nan ceart fhacal ris an roinn a bha aige fein. A thaobh ’s gu ’n robh aireamh mhath a lathair agus roinn an t-aon aca uile, cha robh ni air an robh ainm timchioll a bheathaich nach robh air a ghabhail, agus creid thusa gu’n robh lanaighear an sin an uair a bha gach aon ag ainmeachadh na bha a chuid-san dol a dheanamh. Is e so roinn an fheidh, agus is iomadh gaire cridheil a dhuisg e. Ach, coltach ris a h-uuile rud, thainig crioch air roinn an fheidh agus chaidhear an taice “Capull a’ Pharsoin air chall.” Is e so cleas eile coltach ri “Roinn an fheidh,” ach gur e seorsa de chuirt a tha ’s an fhear so, a chum fios fhaotainn co a ghoid capull ’a Pharsoin, oir cha robh teagamh nach e so a chaidh a dheanamh. Bha ainm air gach aon ’s a’ chuirt so, mar bha “Slabhraidh oir,” “Brogan beaga,” “Pearsan bagach,” “Streap ri goisein,” agus sgaoth eile de dh-ainmean a reir na bha cruinn. Bha am breitheamh a’ fosgladh na cuirte leis an rann so— “Tha cupall a’ Pharsoin air chall, Is mor an beud i bhi ann; Am measg na bheil a’ so de chuideachd, Cha ’n ’eil fhios a’m fhein co ghoid i, Mur an do ghoid—” Co sam bith de na h-ainmean so a bha air a ghairm leis a’ bhreatheamh mar an ciontach, bha e anns a’ mhionaid a’ glaodhaich a mach, “Is breugach dhuit e.” “Feuch co eil’ e,” ars’ am breitheamh. Bha, an so, am fear mu dheireadh a’ cur na buille air aon eigin eile gus an robh gach aon air ruith orra, gus a’ chiad fhear a dheanadh mearachd ann am freagairt, no an tilgeil na coire air cuid-eigin eile. B’ e am fear so, ann an suil na cuirte, an ciontach. Ach feumar stad de so cuideachd agus greis a thoirt air “Trom an oir.” De gach cleas a bha againn cha robh aon a thogadh a leithid de lan-aighear ris a’ chleas so. Bha aon a’ dol air a ghluinean air an urlar, agus a’ cur a chinn fodha ann an uchd fir eile le a dha shuil duinte, agus gach aon a stigh a’ cruinneachadh gach ni a b’ iongantaiche ora cheile, agus ga ’n toirt de ’n aon aig an robh am priosanach na uchd, eadar a ghluinean. Theireadh am fear so na facail so— “Troma troma ’n oir. ’D e so do choir?” Theìreadh am fear a bha gu h-iosal a h-uile rud ach an rud ceart, agus cha ’n fhaigheadh e de bhinn ach, “Biodh so ann gus am bi sin ann.” Bha so a’ dol air aghaidh gus, mu dheireadh, am biodh carn air druim an duine thruaigh nach mor nach mortadh e—gle bhitheanta cudthrom bolla mine air neach aig aon am. Cha ’n iarrteadh stad d’ an cleas so idir, ach “an rud is fheudar ’s fheudar e,” agus mar sin fagaidh sinn “Trom an oir” as ar deigh, agus bheir sinn greis air cleas eil.—AONGHAS OG ’sa Highland News. An t-Ailleagan. Till dachaidh, till, O Ailleagain, Thoir leat mo thàmh ’s mo shuain, Oir cha’n ’eil aon diubh nis air sgéul Bho’n dh’fhalbh thu fhéin Diluain; Ach thuit na’n àite iarguinn mhór. Mar oidhche dhuibh mu’n chruaich, Nach falbh a chaoidh mar till thu, ’chiall, Mar ghrian na maidne nuaidh’. O’n thriall thu bhuainn tha fann ghuth gaoil, Mar fhaochaig taobh a’ chuain, Ag dortadh ’mach a luinneig faoin’ ’S ga m’ chlaoidh le caochladh duain; Ag cur na m’ chuimhn’ mu aon a bhà Làn sòlais gràidh gach uair, E nis na ’aonaran gun stàth, ’S an t-Ailleagan fad bhuaith’. C’arson a rinn thu falbh cho tràth, Réul àillidh, fath mo dhuain? Till dachaidh, till, tha Samhradh blàth Air sgrath ’us àrd ’toirt buaidh’; Tha’n uiseag bhras ’toirt as gu dàn Gu sléibhte bàna shuas, ’S ga ’r gairm a rìs le òran gràidh Gu mullach àrd Dhun-cuaich. ’S ’n uair ’thig thu falbhaidh sinn a rìs Mar anns an tìm ’chaidh bhuainn, A suas an frith-rath’d ’g éisdeachd strìth Luchd-ciùil nan tèampull uain’; A nìos an gleann thig osag bhlàth Le gàire bhàrr nan stuadh, ’S bheir àilleachd Nàduir mosgladh mòr Do dh’àros dorch nan smuain. ’Us suidhidh sinn, O Ailleagain, Taobh abhainn bhlàth na fuaim’, Bithidh ’m barrach òg na ’sgàile dhuinn, Gach ni na’r làthair gun ghruaim; Bithidh grian an àigh a’ dearrsadh ’nuas Troimh fhosglainn àrd ’s an uair? Sruth donn ’dol seach a’ gaireachdaich Air grinneal ’s aillidh snuadh. ’S cha labhair sinn an sin na’s mò Le bròn mu sgaradh cruaidh, Ach fuadaichear gach smuain de’n t-seòrs’ Air falbh mar cheò na cruaich’; ’Us gus an tréig an ceòl an sruth, ’S an tréig a guth a’ chuach, Cha’n fhaicear caochladh air ar gràdh, Chaomh Ailleagain mo luaidh. MAC-OIDHCHE. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear. Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 337] [Vol. 5. No. 44. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 8, 1897. No 44. Sgeul m’ Fhir-treorachaidh. (Air a leantuinn.) “Ghreas mi adhart gu luath. Bha mo chasan a’ sileadh fala leis mar a bha na clachan ’g an gearradh, ach ’s mise bha coma co-dhiu. “Mu dheireadh thainig mi gu lùb eile anns an amhuinn, agus chunnaic mi—oh, an sealladh uamhasach!—ni-eigin dubh coltach ri corp duine ’na shineadh aig bonn creige anns an uisge. Cha mhor nach do stad mo chridhe leis an eagal. Cha’n eil fhios agam co-dhiu bha no nach robh mi a smaoineachadh gu faighinn mo bhràthair anns an t-suidheachadh ud, ach air ball bha mi cinnteach gu’m b’e bh’ ann. Dh’ fhàs mi tinn agus lag, agus cha mhor nach do thuit mi, ach chaidh agam air leantuinn romham.” Stad mo chompanach an so, agus chomhdaich e ’aodann le ’lamhan mar gu’m b’ àil leis an sealladh uamhasach a dhùnadh a mach gu buileach [?]. Dh’ fhuirich e mar sin ’sa cheann crom àireamh mhionaidean ach mu dheireadh chaidh aige air labhairt: “’S e,” ars esan, mar gu’m biodh e freagairt na ceiste nach do ghabh mis’ orm fhéin a chur, “’s e mo bhràthair a bh’ ann. Bha e air a bheul-fodha anns an amhuinn agùs an t-slat-iasgaich fhathast na laimh. Leis cho fuar ’s a bha an t-uisge bhuail greim e, agus thuit e gun chomas eiridh, agus mar sin chaidh a bhàthadh ann an àite anns nach robh an t-uisge bhar troigh a dhoimhnead. “Thog mi an corp agus choisich mi air falbh leis. Gu fortanach bha bruach na h-aimhne a’ fàs na b’ isle, agus an ùine ghoirid bha e cho iseal ’s gu ’n deach agam air a dhol gu tir, ’s corp mo bhràthar a chur ’na shineadh air an làr. “Ghuidh mi air bruidhinn rium, ach bha na bilean balbha air an dùnadh gu bràth. Dh’ fhuasgail mi a chuid aodaich, agus rinn mi na b’ urrainn domh gus a thoirt uige, ach bu diomhain mo shaothair. Thainig faireachduinnean neònach orm; cha b’ urrainn domh ach gann a chreidsinn gu’m bu ni sam bith eile bha mi faicinn ach bruadar uamhasach, air an tigeadh crioch ’nuair a dhùisginn, ach ’nuair a sheall mi air a chorp fhuar ud ’na shineadh air na creagan, cha ’n fhaodainn ach a thuigsinn gu robh e tuilleadh us fior. “Tha mi creidsinn gu’n d’ thainig mi gle fhaisg air a dhol as mo rian air an fheasgar ud. Bha mi an sud, miltean o’n tigh a b’ fhaisge, agus neòil dhorcha na h-oidhche a’ cruinneachadh. Cha b’ urrainn domh fhàgail gu dol a dh’ iarraidh cuideachaidh air eagal gu’m faigheadh beathach fiadhaich e. Bha mi ’n làn dhuil gu’m biodh agam ri fuireach ri thaobh gus am faighinn bàs leis an acras, agus gu faigheadh cuid-eigin sinn ’nar sineadh comhladh—marbh. “Dhùisgeadh mi o na smuaintean brònach so le glaodh a chuala mi fada thall anns a choille. Cha do sheirm guth duine na bu bhinne ’nam chluais riamh na rinn an glaodh sin. Fhreagair mi ’n glaodh, agus ruith mi an cois na h-aimhne an rathad a chuala mi ’n guth, agus an ùine gun bhi fada fhuair mi sealladh air buidheann de shealgairean a bha ’g éigheach ri fear d’ an companaich. Rainig mi iad, agus ged bu doirbh e ri dheanamh leis an t-suidheachadh anns an robh m’ inntinn, chaidh agam air innse dhaibh ciod a bh[?] cearr. “Bha iad gle chaoimhneil rium, agus chuir iad ri cheile maidean air ’n do ghiùlain iad corp mo bhràthair dhachaidh. Leis a chràdh cridhe, agus leis an sgiths, thainig laigse orm, agus ’s e ’n ath ni air am bheil cuimhn’ agam mo mhàthair a bhi crom os mo cheann anns an leabaidh ’nam sheòmar beag fhéin, agus coltas cho muladach oirre,—oh cho muladach,—ach shaoil leam gu ’n d’ fhàs i beagan na bu toilichte ’nuair a chunnaic i mise ’fosgladh mo shùilean. “A mhàtbair,” arsà mise, “gu de tha cur oirbh?” Agus an sin thainig gach ni gu ’m chuimhne. Oh, mar a bhuail mo chridhe mi, oir cha b’ urrainn dhomh gun a bhi smaoineachadh gu robh mi coireach ri bàs mo bhràthar, agus ri cràdh mo mhàthar. Dh’ innis iad dhomh, ’nuair a bha mi comasach air a ghiùlan, gu robh mi tinn o chionn treis mhor a dh’ ùine, agus gu robh mo bhràthair o chionn fhada air a chàradh o ’n fhòd. “’Nuair a chaidh mi m’a dheireadh am feabhas, bha atharrachadh mor air tigh’nn orm; lean sin rium an deigh dhomh tigh’nn gu ire duine, agus an diugh cha’n eil mi idir mar a dh’ fhaodainn a bhi mur biodh mo dhroch nàdur.” Stad mo chompanach tiotadh beag, agus an sin thuirt e rium gu socair: “Sin agaibh mo sgeul-sa; agus tha fhios agaibh a nise ciod is aobhar mi bhi cho trom inntinneach an diugh.” Cha robh sùnnd sam bith orm gu dhol a dh’ iasgach an deigh na chuala mi. Thill sinn air ais do’n bhaile anns a charbad, agus dh’ fhàg mi beannachd aig m’ fhear-treòrachaidh, ach cha b’ urrainn domh ach a bhi smaoineachadh air an sgeul mhuladach a dh’ innis e dhomh, agus is tric i ’tighinn air m’ inntinn eadhon fhathast. A mhuinntir òg, ceannsaichibh ur droch nàdur. ’Nuair a bhios sibh air son briathran searbha no mi-chaoimhneil a labhairt, duinibh ur bilean, agus cumaibh air ais gach ni nach bu chòir dhuibh a radh. ’S beag fhios a th’ agaibh ciod an t-olc a dh’ fhaodas iad a dheanamh.—Bho Bheurla E. M. Halliday. Bha seirbheis Ghailig air a cumail ann am Manchester, an Sasunn, air an aonamh latha deug de dh’ April. B’e ’n searmonaiche an t-Urr. Dr. Ard, Chraoich, a tha air a dhol a dh’ fhuireach do’n bhaile sin o’n dh’ fhàg e an sgireachd anns an robh e saoithreachadh ùine cho fad. Bha coithional mor sluaigh ’ga éisdeachd, agus fhuair iad searmon briagha uaithe. Thainig fear de na seinneadairean astar dha fhichead mile gu bhi aig an t-seirbheis. Cha robh searmon Gàilig ann am baile Mhanchester roimhe o chionn ochd bliadhn’ deug. ’Nuair a bha Alasdair II ’na righ air Alba, bha tuathanach a leigeadh le luibhean sam bith fàs gus am biodh an cuid frais air abachadh, air a mheas ’na nàmhaid do ’n righ. Air leinn nach b’ olc an ni reachd dhe’n t-seòrsa sin a dheanamh anns an dùthaich so air an latha ’n diugh. Tha aon droch luibh againn ris an canar an giogan, a bhiodh furasda gu leòr a chur as ’nan deanadh na tuathanaich an dleasanas le ’ghearradh a h-uile bliadhna mu’n tigeadh fras air; ach an àite sin tha chuid mhor dhiubh nach eil a toirt oidhearp sam bith air cur as da. Tha e air aithris gu’m bi Ard-Bhaillidhean nan ceithir bailtean a’s motha tha ’n Canada air an deanamh ’nan ridirean leis a Bhanrigh’nn aig àm na h-Iubili. ’S iad na bailtean air an cuirear an t-urram sin, Cuibec, Montreal, Toronto, agus Hamilton. Bha duil aig muinntir Halifax gu’n cuirte an t-urram ceudna orra fhéin, ach a reir mar a chuala sinn mu dheireadh, tha iad gu bhi air am mealladh. Thatar a’ dol a mheudachadh Drochaid Victoria air an t-samhradh so. “Tha muillein gu leith dolair ri bhi air a chosg oirre. [TD 338] [Vol. 5. No. 44. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. I. Ri linn Righ Haroun Alrashid, bha ann am Bagdad, ceannabhaile na rioghachd, portair, a bha gle dheadh-chainnteach, eibhinn, ged a bha e ann an suidheachadh iosal. Air madainn araidh thachair dha a bhith ann an aite anns am b’ abhaist dha bhith ’faotainn beagan obrach. Bha bascaid mhor aige, agus bha suil am mach aige feuch am faiceadh e neach sam bith a bheireadh obair dha. Thainig bean-uasal og le srol air a h-aghaidh, agus i ann an trusgan anabarrach maiseach, far an robh e, agus thuirt i ris ann am briathran caoimhneil, “An cluinn thu, ’phortair, thoir leat a’ bhascaid, agus lean mise.” An uair a chuala ’m portair mar a labhair i cho caoimhneil ris, ghrad thog e a’ bhascaid, agus chuir e air mullach a chinn i, ag radh ris fhein, “Oh, latha ’n aigh, nach mi ’tha fortanach an diugh!” An uair a chaidh iad beagan air aghart, stad a’ bhean-uasal aig geata, a bha duinte, agus bhuail i aige. Dh’ fhosgail seann duine liath, a bha gle thlachdmhor ’na choltas, an geata dhi. Gun fhacal a radh ris, chuir i airgiod ’na laimh. Thuig esan gle mhath ciod a bha dhith oirre. Thill e steach, agus an uine ghoirid thainig e am mach le siuga mor ’na laimh luma lan de dheadh fhion. “Beir air an t-siuga,” ars’ a bhean-uasal ris a’ phortair, “agus cuir anns a bhasciad e.” An uair a rinn e so, dh’ iarr i air a leantuinn. Mar a bha iad a’ coiseachd air an aghart, bha ’m portair ag radh ris fhein, “Oh, latha ’n aigh! Nach mi tha fortanach?” Stad a bhean-uasal aig buth-mheasan, far an do cheannaich i a h-uile seorsa meas, agus luibh-fhaile, a bha ri’ fhaotainn anns a’ bhaile. Dh’ iarr i air a’ phortair an cur anns a’ bhascaid agus a leantuinn. An sin chaidh i do bhuth an fheoladair, agus cheannaich i coig puinnd fhichead de’n fheoil a b’ fhearr a bh’ aige, agus dh’ iarr i air a’ phortair an fheoil a thoirt leis anns a’ bhascaid. Chaidh i o bhuthaidh gu buthaidh air feadh a’ bhaile far an do cheannaich i corr is fichead seorsa de gach biadh is deoch air am b’ urrainn taigh sam bith feum a chur. Mu dheireadh bha ’bhascaid cho lan aig a’ phortair ’s nach gabhadh i an corr. Thuirt e ris a’ mhnaoi-uasail “Bu choir dhuibh a bhith air innseadh dhomhsa, gu ’n robh ’n ’ur beachd na h-uiread a cheannach, agus gheibhinn each a ghiulaineadh e; oir ma cheannaicheas sibh a’ bheag tuilleadh, cha teid agamsa air a’ bhascaid a ghiulan.” An uair a chuala i so, rinn i gaire, agus dh’ iarr i air a leantuinn. Choisich iad air aghart gus an d’ rainig iad taigh anabarrach mor, briagha. An uair a sheas iad aig a’ gheata, bhuail a’ bhean-uasal aig an dorus. Am feadh ’s a bha iad ’nan seasamh a’ feitheamh gus an fosgailteadh an geata dhaibh, smaoinich am portair air mile ni. Bha ioghnadh air gu ’m biodh bean-uasal cho ciatach rithe a’ dol am mach a cheannach bidh. Ach dh’ aithnich e air a doigh ’s air a coltas, nach bu shearbhanta a bh’innte idir; agus air an aobhar sin, smaoinich e gu ’m feumadh gur e fior bhean-uasal a bh’ innte. Direach an uair a bha e ’dol a chur cheisdean oirre mu ’n chuis so, dh’ fhosgail bean-uasal eile an geata. Cha ’n fhac’ e boirionnach riamh mu choinneamh a dha shul cho briagha rithe. Cha mhor nach do leig e leis a’ bhascaid tuiteam an uair a chunnaic e i. Thug a’ bhean-uasal a thainig comhladh ris thun a’ gheata an aire dha, agus bha i ’deanamh a leithid de spors air ’na h-inntinn fhein ’s nach do mhothaich i gu ’n d’ fhosgladh an geata. Thuirt an te a dh’ fhosgail an geata rithe, “A phiuthar, thig a steach. C’ar son a tha thu ’nad sheasamh an sin? Nach ’eil thu ’faicinn gu ’m bheil an t-eallach a th’ air an duine bhochd cho trom ’s gur gann is urrainn da fuireach ’na sheasamh fodha? An uair a chaidh i fhein ’s am portair a steach, dhuin an te eile an geata. Chaidh iad ’nan triuir a steach do ’n taigh. B’e sin an taigh aluinn. Cha ’n fhac’ am portair taigh riamh roimhe cho aluinn ris anns gach doigh. Bha gach ni a bha ’n taobh a staigh de’n dorus ann an ordugh cho eireachdail ’s a ghabhadh deanamh. Ach ma bha ’bhean-uasal a dh’ fhosgail an geata maiseach, bu mhaisiche na sin an treas bean-uasal a bha ’na suidhe air cathair anns an taigh. Dh’ eirich i bhar na cathrach cho luath ’s a chunnaic i an dithis bhan-uasal eile, agus chaidh i ’nan coinneamh. Leis an urram a nochd an dithis eile dhi, dh’ aithnich am portair gu’m b’ i bana-mhaighstir an taighe. B’e h-ainm, Sobaide; b’e ainm na te ’dh’ fhosgail an geata, Safi; agus b’e Aimini ainm na te a chaidh am mach a cheannach a’ bhidh. Thuirt Sobaide ris an dithis eile, “A pheathraichean, nach ’eil sibh a faicinn gu ’m bheil an duine laghach so an impis tuiteam as a sheasamh leis an eallaich? C’arson nach ’eil sibh a’ togail na h-eallaich dheth?” An sìn rug iad ’nan triuir air a’ bhascaid, agus chuir iad air an lar i. An uair a dh’ fhalamhaich iad i thug Aimini deadh thurasdal do ’n phortair air son a shaoithreach. Ged a bha ’m portair gle riaraichte leis an tuarasdal a fhuair e, sheas e far an robh e. Bha na mnathan uaisle cho maiseach ’s cho aoidheil ’s nach iarradh e falbh as an cuideachd, nan leigeadh iad leis fuireach. Ghabh e ioghnadh gu leor nach fhac’ e firionnach ’s an taigh, gu h-araidh an uair a thug e fanear gu ’m b’ ann air son fhirionnach bu fhreagarraiche a bha ’chuid bu mho de ’n bhiadh a ghiulain e do ’n taigh anns a’ bhascaid. Shaoil le Sobaide an toiseach gur ann a’ leigeadh ’analach a bha e, o’n a bha e air a sharachadh a’ giulan na bascaid. Mu dheireadh an uair a chunnaic i nach robh guth aige air falbh, thuirt i ris, “C’arson nach ’eil thu ’falbh? An e tuilleadh tuarasdail a tha dhith ort?” Thionndaidh i ri Aimini ’s thuirt i rithe, “Thoir dha tuilleadh a chum gu falbh e riaraichte.” “A bhoirionnaich choir,” ars’ am portair, “cha’n e sin a tha ’gam chumail idir: fhuair mi barrachd mor air na choisinn mi. Tha fhios agam nach ’eil e modhail dhomh fuireach ro fhada; ach tha mi ’n dochas gu ’n toir sibh mathanas dhomh ma dh’ innseas mi dhuibh gu ’m bheil ioghnadh orm nach ’eil firionnach anns an taigh so. Cha ’n eil moran tlachd ann an taigh gun fhirionnach, agus cha mho a tha tlachd ann an taigh gun bhoirionnach. Mar a tha ’n sean fhacal ag radh, ‘Cha ’n fhiach bord mur bi ceathrar aige.’” An uair a chuala na mnathan-uaisle so thoisich iad ri gaireachdaich. ’Na dheigh sin thuirt Sobaide, agus i mar gu ’m biodh gruaim oirre, “A charaid, tha thu tuilleadh is dana; agus ged nach ruig mise leas m’ inntinn a leigeadh ris dhut, gidheadh faodaidh mi innseadh dhut, gur triuir pheathraichean sinn a tha ’deanamh ar gnothaichean fhein gu bog, balbh, gun fhios a thoirt do dhaoine eile m’a dheidhinn. Tha h-uile aobhar againn air a bhith ’cumail ar gnothaichean an cleith o dhaoine gun mhothachadh. Mar a sgriobh duine tuigseach o shean, ‘Cum do dhiomhaireachd dhut fhein, agus na innis do neach sam bith i. Aon uair ’s gu ’n innis thu do dhiomhaireachd do dhaoine eile, cha leat fhein tuilleadh i. Mur urrainn dut fhein do dhiomhaireachd a chumail an cleith, na biodh duil agad gu ’n cum neach eile an cleith i.’” “A mhnathan-uaisle,” ars’ am portair, “an uair a chunnaic mi sibh dh’ aithnich mi oirbh gu ’m bu bhoirionnaich sibh anns am bheil tur is tuigse, agus tha mi nis a’ tuigsinn gu math gu ’n robh a’ bharail cheart agam oirbh. Ged nach robh mise cho fortanach ’s gu ’n d’ fhuair mi suidheachadh ard, gidheadh cha d’ rinn mi dearmad air eolas is fiosrachadh fhaotainn o bhith ’leughadh leabhraichean ealainn, agus eachdraidh. Ma ’s e bhur toil e, ceadaichibh dhomh briathran a sgriobh duine ainmeil innseadh dhuibh—briathran a bha mi ’cur ann an cleachdadh o chionn iomadh bliadhna. So agaibh iad: ‘Cha chum sinn ar gnothaichean an cleith o neach sam bith ach uathasan a tha cho beag tur ’s nach ruigeamaid a leas ar n-earbsa chur annta; ach cha bhi dad againn an aghaidh ar gnothaichean agus ar n-inntinnean a leigeadh ris dhaibhsan a tha cho glic ’s cho earbsach ’s gu ’n cum iad an cleith iad.’ Cumaidh mise diomhaireachd a cheart cho sabhailte ri ni a bhiodh ann an seomar [TD 339] [Vol. 5. No. 44. p. 3] glaiste ’s an iuchair air chall.” Thuig Sobaide gu ’n robh am portair ’na dhuine anns an robh tomhas de thur, agus dh’ aithnich i gu ’n robh fior thoil aige a chuid de ’n chuirm fhaotainn. Thuirt i ris, agus fiamh gaire oirre, “Tha fhios agad gu ’m bheil cuirm gu bhith againn, agus tha fhios agad mar an ceudna gu ’n do choisg i gu leor dhuinn, agus cha ’n ’eil e ceart gu ’m faigheadh tusa do chuid dhi gun dad a chosg rithe.” Thuirt Safi, agus i ’cur a h-aonta ris na thuirt a piuthar, “A charaid, an cual’ thu riamh na briathran a tha ’g radh, ‘Ma bheir thu ni leat gu cuirm, is e do bheatha; ach mur tabhair, tillidh tu dhachaidh falamh.’” A dh’ aindeoin cho deadh-chainnteach ’s gu ’n robh am portair, a reir choltais gu ’n tigeadh e air falbh ’s e air a narachadh mur b’e gu ’n do sheas Aimini air a thaobh. Thuirt i ri Sobaide ’s ri Safi, “Mo pheathraichean gaoil, tha mi ’guidhe oirbh gu ’n leig sibh leis fuireach comhladh ruinn. Tha fhios agaibh gu ’m bheil e ’na dheadh fhear-cuideachd. Mur b’ e gu ’n robh e cho easgaidh ’s cho tapaidh ’s a bha e, cha b’ urrainn dhomhsa bhith cho trath air m’ ais ’s a bha mi. A bharrachd air sin, nam biodh fhios agaibh air cho modhail ’s a bha e ’labhairt rium o’n a thachair e rium, cha chuireadh e ioghnadh oirbh mi bhith ’seasamh air a thaobh.” CAIB. II. An uair a chual’ am portair cho math ’s a labhair Aimini air a thaobh, bha e air a lionadh le aoibhneis anabarrach mor. Thuit e air a ghluinean air a beulaobh, agus phog e an t-urlar. Thog e a cheann, agus thuirt e, “A bhean-uasal mhaiseach, chuir thu fortan ’nam rathad an diugh roimhe, agus leis a’ chaoimhneas a tha thu toileach a nochdadh dhomh, tha thu nis a’ cur an tuilleadh ris. Cha ’n ’eil e comasach dhomh mo thaingealachd a chur an ceill mar bu mhath leam. Agus a thaobh na bheil mi gus fhaotainn de bhur caoimhneas na dheidh so, a mhnathan-uaisle,” ars’ esan ’s e ’labhairt ris an triuir pheathraichean, “o’n a chuir sibh urram cho mor orm, na smaoinichibh gu ’n dean mi mi-fheum dheth, no gu ’m bheil mi ’meas gur airidh mi air a leithid a dh’ urram. Cha ’n ’eil idir. Tha mi ’g am mheas fhein mar aon de na seirbhisich a’s isle a th’ agaibh.” An uair a labhair e na briathran so, bha e ’dol a chur air ais an tuarasdail a fhuair e uapa, ach dh’ iarr Sobaide air a chumail aig fhein. “Cha ghabh sinne gu brath air ais an tuarasdal a thug sinn do ’n mhuinntir a rinn seirbhis dhuinn,” ars’ ise. “Ach, a charaid, tha mi ’g ad chur ’n ad fhaireachadh nach fhaigh thu cead fuireach ach air chumhnanta nach innis thu gu brath mu aon ni a chi no ’chluinneas tu, agus gu ’n gluais thu thu-fhein gu h-iomchuidh anns gach doigh.” Anns an am, chuir Aimini dhith an trusgan a bh’ oirre, agus chuir i uimpe gun eile, a chum gu ’m biodh i ni bu sgiobalta gus an dinnear a chur air a’ bhord. Gu h-ullamh, eallamh, easgaidh, chomhdaich i am bord, agus chuir i am pailteas air de gach seorsa bidh. Chuir i botuil fhiona agus cupanan oir air a’ bhord-taoibh. An uair a bha gach ni air a’ bhord, shuidh an triuir mhnathan-uaisle aige, agus thug iad air a’ phortair suidhe comhla riutha. Bha aoibhneas anabarrach air a’ phortair an uair a chunnaic e e-fhein aig a’ bhord comhla ri triuir mhnathan-uaisle a bha anabarrach maiseach. An uair a ghabh iad beagan de ’n bhiadh, dh’ eirich Aimini o’n bhord, agus thug i botuil fiona agus cupan oir bhar a’ bhuird-taoibh, lion i an cupan, agus dh’ ol i fhein an toiseach e, a reir cleachdadh na duthchadh. An sin lion i an cupa d’a dithis pheathraichean, agus dh’ ol iad e. Mu dheireadh lion i an ceathramh uair e, agus thug i do ’n phortair e. Mu ’n d’ ol e am fion ghabh e oran. So brigh an orain:—Mar a bheir a’ ghaoth leatha faileadh cubhraidh, fallainn, as na h-aiteachan maiseach troimh am bheil i ’seideadh, mar sin bha am fion a bha e gus ol ni bu mhisle blas a lamhan Aimini na bhiodh e air doigh eile. Chord an t-oran cho math ris na mnathan-uaisle ’s gu ’n do sheinn iad oran an te. Agus bu mhath a b’ aithne dhaibh sin a dheanamh. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, bha iad cho cridheil ’s cho sunndach ’s a b’ urrainn a bhith fhad ’s a bha iad aig an dinneir agus feumar a radh nach robh cabhag orra gu eiridh o’n bhord. Mu dheireadh, an uair a bha e teannadh dluth air deireadh an latha, thuirt Safi ris a’ phortair, agus i ’labhairt ’nan ainm ’nan triuir, “Eirich, agus bi falbh; tha lan-am agad a bhith falbh a nis.” Ach o’n a bha ’chuideachd ’s a’ chuirm a’ cordadh cho math ris a’ phortair, cha robh iarraidh sam bith aige air falbh. “Ochan! a mhnathan-uaisle,” ars’ esan, “c’ aite am bheil sibh ag iarraidh orm a dhol anns an t-suidheachadh anns am bheil mi: Is gann a tha mo chiall fhein agam an deis na chunnaic mi o’n a thainig mi an so; agus o ’n a dh’ ol mi barrachd air na b’ abhaist dhomh, tha eagal orm nach amais mi air a dhol dhachaidh. Leigibh dhomh tamh na h-oidhche a ghabhail ann an aite sam bith an togair sibh; oir cha teid mi ’nam aite fhein ann an uine ni ’s lugha. Ach an uair a dh’ fhalbhas mi, fagaidh mi a’ chuid a’s fhearr dhiom ’nam dheigh.” Ghabh Aimini taobh a’ phortair an dara turus, agus thuirt i, “A pheathraichean, tha e ag innseadh na firinn; tha mi deonach ’iarrtas a thoirt dha, o’n a thug e mar tha a’ leithid de thoileachadh dhuinn; agus ma ghabhas sibh mo chomhairle, no ma tha uibhir de ghradh aga bh orm ’s a tha mi ’smaointean, cumamaid e, a chum gu ’n cuir sinn seachad le cridhealas na tha romhainn de ’n oidhche.” “A phiuthar,” arsa Sobaide, “cha diult sinn ni sam bith dhut.” An sin thionndaidh i ris a’ phortair, agus thuirt i, “Tha sinn deonach aon uair eile d’ iarrtus a thoirt dhut, ach air a’ chumhnanta so, nach tig facal as do bheul gu brath mu thimchioll ni sam bith a bhuineas dhuinn fhein no do dhaoine eile, agus nach mo na sin a chuireas tu ceisd oirnn mu thimchioll ni nach buin dut, is docha gu faigh thu fios air ni nach bi air chor sam bith taitneach dhut; thoir an aire, air an aobhar sin, nach bi thu ’g iarraidh fios fhaotainn c’ar son a bhios sinn a’ deanamh ni sam bith a chi thu sinn a’ deanamh.” “A bhean-uasal,” ars’ am portair, “tha mi gealltainn gu ’n cum mi cho dluth ris na cumhnantan sin ’s nach bi aobhar agaibh mo chronachadh air son am bristeadh, agus nach mo a ruigeas sibh a leas peanas a dheanamh orm. Cha ’n fhosgail mi mo bheul, agus bidh mo shuilean mar sgathan, nach cum air chuimhne ni sam bith a chuirear m’ a choinneamh.” “A chum a leigeadh fhaicinn dut,” arsa Sobaide, “nach ’eil sinn ag iarraidh ort ni a dheanamh nach d’ iarr sinn air duine riamh roimhe, eirich agus leugh na briathran a tha sgriobhte air taobh a staigh a’ gheata.” Chaidh am portair thun a’ gheata, agus leugh e na briathran so, a bha sgriobhte ann an litrichean mora: “Esan a labhras mu nithean nach buin da, cluinnidh e mu nithean nach taitinn ris.” An uair a thill e, thuirt e ris an triuir pheathraichean, “A mhnathan-uaisle, tha mi ’mionnachadh nach cluinn sibh mi gu brath a’ labhairt mu nithean ris nach ’eil gnothach agam, no a bhuineas dhuibhse.” An uair a chord iad mu ’n chuis so, chuir Aimini an t-suipeir air a’ bhord; las i na coinnlean, agus shuidh iad ’nan ceathrar aig a’ bhord. Ghabh iad de ’n bhiadh ’s de ’n dibh na thainig riutha. Cha b’ i a’ chuirm gun a comhradh a bh’ aca; oir eadar gabhail oran ’s gach comhradh eibhinn, taitneach a bh’ aca ’nan ceathrar, bha ’n oidhche ’dol seachad gun fhios daibh. Bha deur math air a’ phortair; oir bha e gu math tric ag ol deoch-slainte nam mnathan-uaisle. An uair a bha iad an teis-meadhain an cridhealais, chual’ iad bualadh aig a’ gheata. Ghrad dh’ eirich an triuir pheathraichean o’n bhord gus a dhol a dh’ fhosgladh a’ gheata. Ach o’n a b’e Safi a b’ abhaist a bhith ’fosgladh a’ gheata, is i bu luaithe a bh’ air a bonn, agus an uair a chunnaic an dithis eile gu ’n deachaidh i am mach, shuidh iad gus an d’ thainig i air ais a dh’ innseadh co aige a bha gnothach riutha cho anamoch air an oidhche. An uair a thill Safi, thuirt i, “Faodaidh sinn, a pheathraichean, oidhche gle chridheil a chur seachad, ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa. Tha triuir chaladairean aig a’ gheata; agus rud a tha gle iongantach, tha ’n t-suil dheas cam aca ’nan triuir, agus (Air a leantuinn air taobh 342.) [TD 340] [Vol. 5. No. 44. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, MAIGH 8, 1897. Tha na Staitean an deigh cìs 75c an tunna chur air a ghual; cha robh aca air roimhe so ach 40c. Dùinidh sin a mach gual na dùthcha so gu h-iomlan. Rachadh aig luchd-guail an àite so air a chur do na Stàitean a tuath fo’n t-seann chìs, agus bha roinn mhath air a chreic annta an uiridh, ach ni àrdachadh na cìse a chumail a mach gu buileach air a bhliadhna so. Ni sin call mor do mhèinnean na dùthcha so, agus fuilingidh Louisburg gu h-àraid, oir ’s ann troimh ’n phort sin a bhatar a cur air falbh a ghuail a bha dol do na Staitean. A reir coltais cha ruig Canada a leas suil sam bith a bhi aice ri fabhar o Riaghladh nan Stàitean, agus cha’n eil teagamh nach dean Riaghladh Chanada a nise cìs na’s àirde a chur air gual nan Stàitean. Thugadh tairgse dhaibh cheana a chìs a lughdachadh air an cuid guail nan deanadh iad san sin ri gual Chanada. Cha’n fhac iad iomchuidh sin a dheanamh, agus a nise ni Canada mar a chi i fhein freagarrach. Cha’n eil teagamh nach biodh moran malairt a bhi dol air adhart eadar na Stàitean us Canada buannachdail taobh air thaobh, ach o nach eil na Stàitean deònach cothrom sam bith a thoirt do Chanada a tha ’nan comas-san a chumail uaipe, cha’n eil aig Canada ri dheanamh ach a leigeil fhaicinn daibh gu ’n teid aice air a bhi beò as an aonais. Tha a’ Ghréig a réir coltais ullamh gu striochdadh do ’n Tuirc, agus cha mhor leis nach duilich a chluinntinn. Tha eadhon rioghachdan mora na Roinn-Eorpa duilich gu bheil an Sultan e faotainn buaidh. ’N uair a thòisich an cogadh bha iad gle thoilichte bhi faicinn nan Greugach air an ruagadh, a chionn gu ’m b’ iad fhéin a thòisich, agus mar sin nach bu mhisd’ iad tilleadh a thoirt asda le faotuinn na cuid bu mhiosa. Ach a nise o’n tha an Sultan a’ faotainn buaidh orra anns gach blàr, agus e ’ga fhaotainn fhéin làn chomasach air a’ Ghreig a chur fodha gu buileach ma leigear leis, tha eagal orra gu fàs e féin-earbsach agus neor-thaingeil—da ni nach robh ’cur mor-dhragh air roimhe—agus mar sin nach bi e idir cho umhail no cho striochdte do ’n toil-san ’sa b’ fheairrd an Roinn-Eòrp e bhith. Tha iad uime sin gle mhi-thoilichte na Greugaich a bhi call cho dona, agus cha tachradh ni sam bith a b’ fhearr a chòrdadh riutha na blàr no dha a dhol an aghaidh nan Turcach. Ciod sam bith a thachras, tha fhios nach mair an cogadh moran na ’s fhaide. Thachair ni uamhasach ann am baile mor Pharis, ceanna-bhaile na Frainge Di-mairt s’a chaidh. Bha àireamh mhor de na mnathan a b’ uaisle ’s bu bheairtiche anns an Fhraing cruinn ann an tigh mor anns an robh bazaar ’ga fhosgladh, agus chaidh an tigh ’na theine. Sgaoil e cho luath ’s nach d’ fhuair ach àireamh gle bheag dhiubh teicheadh le ’m beatha. Cha’n eil fhios fhathast cia lion a chaill am beatha, oir tha gach ni cho troimhe-chéile ’s nach eil sin comasach, ach thatar a’ deanamh cinnteach gu robh thairis air ceud ’sa deich air an losgadh gu bàs, agus bha suas ri da cheud eile a fhuair as le ’m beatha ach a bha air an losgadh ’s air an leònadh gu dona, cuid cho dona ’s nach urrainn daibh a bhi ro fhada beo. Tha Riaghladh Bhreatuinn an dràsda bruidhinn air tolladh fo’n chuan eadar Breatuinn us Eirinn gus rathad-iaruinn a chur a dh’ obair eadar an da eilean. Tha cosguis na h-obrach air a mheas aig coig muillein deug air fhichead dolair ($3,5000,000) ach ma shaoileas iad gu’n gabh e deanamh cha chuir an t-suim sin tilleadh sam bith orra. Tha an saoghal a’ gluasad; coig bliadhna fichead air ais cha robh duine beò a chreideadh gu’n gabhadh a leithid so deanamh, ach an diugh cha chuir na daoine ’s glice teagamh ann. Bha conaltradh aig an admiral a tha air ceann nan soithichean-cogaidh a tha ’gabhail cùram de Chrete, ri ceannardan na ceannairc, toiseach na seachdain so. Gheall e dhaibh gu faigheadh Crete féin-riaghladh, agus gu’m biodh guth aig na Creitich fhéin ann an taghadh an riaghlaidh a chuirte thairis orra. Ach cha d’ fhuair e éisdeachd; thuirt iad ris gu’r h-e bha dhith orra Crete a bhi air a h-aonadh ris a’ Ghréig, agus gu’m b’ fhearr leotha bàsachadh na gabhail le ni sam bith eile. ’Se ’n t-eilean a’s lugha th’ air an t-saoghal air am bheil daoine ’fuireach, an t-eilean air am bheil tigh-soluis Eddystone. ’N uair a tha ’n làn a mach, tha e deich troighean fichead a leud, ach ’nuair a tha ’n làn a stigh, tha e troigh no dha na ’s lugha na sin, agus tha ’n tigh-soluis ga ’ghabhail fodha fhéin gu h-iomlan. Tha triuir dhaoine fuireach air. STOR UR TAILLEARACHD, Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 241] [Vol. 5. No. 44. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha teintean a’ deanamh call mor ann am Manitoba ’s anns an Iar-Thuath. Chaidh dithis dhaoin’ òga a bhàthadh ann an acarsaid Yarmouth a sheachdain gus an de. Bha iad a mach ag iasgach ghiomach, agus chuireadh am bàta anns an robh iad fodha le soitheach-smùide bha dol gu cuan. Bha crith-thalmhainn mhor ann an cuid de dh’ eileanan man Innsean an Iar. Anns na “Leeward Islands,” air a cheud latha de ’n mhios bha crith no dha ann leis an d’ rinneadh call mor, agus a mharbh àireamh mhor dhaoine. Chaidh Tigh-òsda Shidni a reic leis an t-siorram Di-satharna s’a chaidh, agus chaidh a cheannach le Mr. Daibhidh McKeen air son ochd mile dolair. Bha mortgage aig Mr. McKeen air. Cha d’ fhuaireadh ach aon tairgs’ eile air—coig mile dolair le Mr. Rowland. Thainig seoladair gu Sidni Tuath Di-dònaich ’sa chaidh, an deigh coiseachd a h-uile ceum á Port Hawkesbury. Cha chuireadh sin annas sam bith air daoine deich bliadhna fichead air ais, ach anns na h-amannan so ’se duin’ ainneamh a ni astar cho mor dh’a chois mur bi geall aige ri chosnadh. Chaidh searbhanta a chur an sas ann an Sidni Tuath Di-luain s’a chaidh, air amhrus gu ’n do ghoid i fàine. Bha i a’ falbh do Bhoston ’nuair a dh’ ionndraineadh e, agas chaidh a glacadh ’nuair a bha i direach a’ falbh. Cha deach a chuis a dhearbhadh oirre idir, agus chaidh a leigeil ma sgaoil. Thatar ag radh gu bheil W. C. Domhnullach, fear-deanamh an tombaca ann am Montreal, an deigh an fhactoridh a dhùnadh, agus mar sin a’ cur seachd ceud gu leth duine á cosnadh. ’S e ’n t-aobhar a tha e toirt air son sin, nach eil fhios aige ciod an t-atharrachadh a dh’ fhaodas a’ chis ùr a thoirt air pris an tombaca. Thaghail duin’ òg a mhuinntir an eilein so ann a Halifax o chionn ghoirid, ’se air a thurus gu Boston agus smaoinich e air an oidhche gu rachadh e mu ’n cuairt am baile feuch ciod a chitheadh e. Rinn e sin, ach ’n uair a dhùisg e ’n la’r-na-mhàireach, cha robh airgead no ticket aige. Cha robh ni a b’ fhiach an t-saothair air a shiubhal nach do ghoideadh, ach an t-uaireadair ’s an t-slabhruidh, agus b’ fheudar dha iad sin a chreic air son airgead a bheireadh gu Boston e. Chaidh fear Iain Lunn a mharbhadh ann am mèinn a Reserve ’sa mhaduinn Di-màirt s’a chaidh. Bha e coiseachd sios an slope, ’nuair a bhuail fear de na bocsaichean air, ’ga leònadh cho dona ’s nach robh e beò ach mu dha uair. Bha e ’g obair anns a mhéinn so a h-uile samhradh o chionn da bhliadhn’ deug, agus b’e so a cheud latha dha air an t-samhradh so. Bu Shuaineach e, agus bha a dhachaidh air Carribou Marsh, far an d’ fhàg e bean us teaghlach. Chaidh fear a bha ’g obair comhla ris, Fionnladh Mac Suain, a mharbhadh ri thaobh anns a mhèinn an uiridh, le tuiteam guail. Fhuaireadh ceathrar eile de sgioba ’n t-soithich Fhrangaich a chailleadh air na bancaichean. Chaidh an togail le soitheach a thainig ’nan rathad an deigh dhaibh a bhi ’sa bhàta fad shia latha. Bha duin’ air fhichead anns a bhàta sin a’ fagail an t-soithich, ach chaochail seachd duine deug dhiubh leis an fhuachd ’s leis an acras. Tha iadsan a fhuair as le ’m beatha ag radh gu ’n do chum iad iad-fhéin beò le fuil us feòil coin a bh’ aca ’sa bhàta, agus a mharbh iad an treas latha ’n deigh dhaibh an soitheach fhàgail. Tha na daoine bochda anabarrach fad air ais; caillidh dithis dhiubh an casan ’s an lamhan, agus an dithis eile an casan. Thainig soitheach Gearmailteach a stigh do Halifax a sheachdain gus an dé, agus ceithir cheud gu leth de luchd-imrich air bord aice. Bha Cùirt na Siorrachd ri bhi na suidhe air an t-seachdain so, ach air do ’n Bhreitheamh Dodd a bhi gu tinn, b’ fheudar a cur seachad gus an ath sheachdain. Ma bhios e na ’s fhearr, agus air chomas tigh’nn a mach, suidhidh a’ chuirt Dimàirt s’a tighinn. Thatar an deigh meinn oir luachmhor fhaotainn faisg air Milford ann an siorrachd Halifax. Tha iad ag radh gur h-i mèinn a’s fhearr a fhuaireadh ann an Nobha Scotia riamh. Thig fiach ceithir dolair fhichead de dh’ òr as gach tunna stuth a chuirear a mach. Thainig an soitheach-smùide “Harlaw” gu beul na h-acarsaid toiseach na seachdain so, ach bha an deigh mhor air tigh’nn roimhpe ’s air a dunadh a mach, agus cha d’ fhuair i stigh gu maduinn Diciaduin. Tha luchd mor bathair air bòrd aice ’ga thoirt gu marsantan Shidni us Shidni Tuath. Cha ’n eil an samhradh againn fhathast. Tha an t-side air car eile chur, agus ’s ann a’s coltaiche ’n aimsir a nise ri meadhon an earraich. Thuit oirleach no dha de shneachd oidhche Dior-daoin agus ’sa mhaduinn an dé. Tha an deigh mhor a stigh anns an acarsaid, agus thug sin comas ruith bho na bàtaichean. Tha Lieutenant Peary a cur roimhe sgriob eile thort do ’n taobh a tuath air an t-samhradh so. Tha e ’fastadh soitheach-smùide ann an Newfoundland, agus bidh dùil aige falbh á Sidni air an ath mhios. A dh’ aindeoin cho cunnartach ’s cho cruaidh-chàsach ’sa tha bhi dol do ’n àirde tuath, gidheadh ’nuair a theid duine ann aon uair ’s miann leis a dhol ann a rithist. ’Tha fear Fred Hallman ri bhi air a chrochadh ann an Gobson, an Illinois, air a cheathramh latha deug dhe ’n mhios so, agus thatar a deanamh a mach gu ’n d’ rinn e coig muirt an taobh a stigh de bhliadhna. Is seòladair Gearmailteach e, agus bu mhnathan Gearmailteach an coignear. Tha e mar gu ’m biodh fuath aige do na boirionnaich gu h-iomlan agus air son cur as do uiread ’s is urrainn da. Tha Ban-phrionnsa Wales an deigh litir a’ sgriobhadh gu Morair Baillidh Lunnainn, ag iarraidh nach bi bochdan a bhaile sin air an diochuimhneachadh aig àm na h-Iubili. Tha i air son gu ’m bi dinnear air a thoirt do gach aon aca a h-uile latha fad seachdain na h-Iubili agus tha i-fhéin a cur ceud punnd Sasunnach anns an ionmhas air son cuideachadh gu sin a dheanamh. Tha càise Chanada a faotainn deagh reic ann am Breatunn, agus tha sin a toirt air muinntir nan Stàitean a bhi cur an cuid càise fhéin a null ’na ainm. Air a bhliadhna s’a chaidh, bha còrr us da mhuillein punnd air a chur as na Stàitean gu Montreal, agus as a sin do Bhreatunn an ainm càise Chanada. Mur cuirear stad air an obair sìn, cha ’n fhada gus an caill càise Chanada a dheagh ainm, agus ma chailleas, cha bhi e cho furasda fhaotainn air ais. Thainig soitheach-smùide a stigh do Vancouver, B. C., air an t-seachdain s’a chaidh, agus àireamh de na bh’ air bòrd tinn leis a’ bhric. ’N am measg bha Chang, an teachdaire a tha Iompaire Shina a cur a null do Bhreatunn gu bhi lathair aig Iubili na Ban-righ’nn, agus tha e gle fheargach air son a bhi ’ga chumail air ais gus am faicear a bheil no nach eil a’ bhreac air a shiubhal, Chuir e fios dh’ ionnsuidh Riaghladh Chanada ag iarraidh a leigeil ma sgaoil, ach cha d’ fhuair e éisdeachd. Feumaidh e bhi toilichte le chuibhrionn far am bheil e gus am faigh e cead falbh. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Seall an so air an ath sheachdain. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 342] [Vol. 5. No. 44. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 33.9) tha ’n cinn ’s am feusag ’s am malaidhean air an lomadh. Tha iad ag radh gur ann anamoch feasgar a thainig iad do ’n bhaile; agus o nach robh iad riamh roimhe ’s a’ bhaile, cha robh fhios aca c’aite an cuireadh iad seachad an oidhche. An uair a bha iad a’ dol seachad air a’ gheata smaoinich iad gu ’m buaileadh iad aige. Tha iad a’ guidhe oirnn, as leith ni math, an leigeadh a steach, agus cuid na h-oidhche a thoirt dhaibh. Tha iad coma c’aite an cuirear iad, ma gheibh iad fasgadh fo dhruim taighe. Bhiodh iad toilichte gu leor le faighinn a steach do ’n stabull. Tha iad ’nan daoine oga, dreachar gu leor, agus tha coltas dhaoine turail, tonnisgeil orra. Ach cha ’n urrainn mi gun bhith ’gaireachdaich an uair a smaoinicheas mi air an eideadh iongantach anns am bheil iad.” An uair a thuirt Safi so, thoisich i ri gaireachdaich, agus thoisich a dìthis pheathraichean agus am portair ri gaireachdaich comhla rithe. An sin thuirt i, “Am bheil sibh deonach an leigeadh a steach? Ni iad fearas-chuideachd gu leor dhuinn, agus o ’n a tha iad gu falbh aig soilleireachadh an latha cha chuir e call mor oirnn fasgadh na h-oidhche, ague greim de ’n bhiadh a thoirt dhaibh.” Cha robh Sobaide agus Aimini an toiseach deonach na daoine a leigeadh a steach; ach mu dheireadh, an uair a chunnaic iad gu ’n robh a leithid de thoil aig Safi an leigeadh a steach, dh’ aontaich iad leatha. “Bi falbh, ma ta, agus leig a steach iad,” arsa Sobaide. “Ach cuimhnich gu ’n innis thu dhaibh gu saor, soilleir, nach fhaod iad aon fhacal a radh mu dheidhinn ni sam bith nach buin daibh; agus abair riutha an sgriobhadh a th’ air a’ gheata a leughadh.” Leum Safi am mach gu toilichte, agus ann an uine ghoirid thill i steach agus an triuir dhaoine comhladh rithe. An uair a chaidh iad a steach do ’n t-seomar, chrom iad an cinn le umhlachd ’s le urram an lathair nam mnathan-uaisle, mar a bha dligheach iomchuidh dhaibh a dheanamh. Chuir na mnathan-uaisle failte orra gu caoimhneil, agus thuirt iad riutha, gu ’m b’e am beatha fuireach anns an taigh fad na h-oidhche, o’n a bha iad cho sgith an deigh an turuis. (Ri leantuinn.) An Tuil. EADAR-THEANGAICHTE LE DONNRUA. Bha ’m breitheanas aig laimh. A’ dùbhradh na gréine Chruinnicheadh neultan doinionach; Agus a’ sgaoileadh a mach ’n am mealltaibh tiugha, Chomhdaich iad thairis leth-chruinne an latha, Gu clis, shiubhail am mòr-dhubhradh bho chuairt gu cuairt an domhain, A’ cuir gruaime air aimsir dhorcha na h-oidhche, Agus a’ còmhdachadh na h-iarmailte mar le brat-mairbh ro mhòr. Iosal ’s an duslach Chrom na fineachan uile le eagal, ag aoradh, Gu grad bhrùchd a mach le toirm ’us fuaim, Ionaidibh-tasgaidh na stoirme, le ’n uallaichibh troma; Gu dian ’s gu garg dhòirt na h-uisgeachan Nach d’ aom m le neart nan gaothan, ach a thuit, Mar shaighead, gu direach neo-luasganach gu talamh, A’ chlisgeadh, dhathadh na h-aibhnichean, agus le beucadh Dh’ fhàg an claisean; mhosgail lochain chiuine bho ’n samhadas, Agus dhoirteadh leo sgrios air an claidaichibh sithcheal, Dhealraich an dealanach ’s an adhar, Agus gu fann, troimh chomhlchadh tiugha nan tonn, Chluinnte ’n tairneanach a’ rùchdail. A là no dh’ oidhch cha do stad doirteadh nan dianshruth Agus ma bha ’n dorchadas air a shoillseachadh ach beagan, ’Nuair a’ dh’ eirich maduinn ghruamach air meadhon-oidhche neo-reulach, B’ ann a nchdadh eiridh nan uisgeachan, Tha na còmhnaird fuidh uisge, agus air an treigsinn le eun agus beathach; Le ball-chrith, tha ’m mòr-shluagh a’ saorachadh suas, Roimh ’n dùil do-shasachaidh. Chomh-mheasgadh na cuantan, agus ghiulanadh an lebhiàtan mòr, Suas air na h-uisgeachaibh, gu aite neadachaidh na h-iolaire. Bha na beanntan a mhain, a nis ri ’m faicinn; Bha ’n sliosan, bho àirde ’n uisge, gu ruig an cirean-mullaich, Comhdaichte le mìltean: bhuail lamh a’ bhais iad, ’s iad a’ dìreadh; Ni’s dluithe agus ni’s dluith, Tha na fineachan a’ domhlaicheadh air a’ cheile Mar tha na stuadhan arda ’togail an cinn Agus a’ cumhangaicheadh an saoghail bhig. Agus anns an uair sin Cha do chuidich neach a chompanach. B’ é gradh beatha An t-aon aomadh nadurra; bhuail am mac laidir An t-athair aosda ’bha ’n crochadh ris airson cuideachaidh. Tha boirionnach, le ceumaibh turamanach A’ gluasad air oir a’ chais-bhruthaich, Ach cha d’ fhuair i gairdean air an greimicheadh i Air a’ bhruaich uamhasaich thar an robh i air chrith, ag aomadh. Shuidh féinealachd, mar throm-luidhe air gach cridhe, A’ muchadh guth graidh. Bha cas an fhir laidir Air muinneal an òganaich: agus bu tric a’ ghlacadh An stàillinn cruaidh-ghlas, ann an laimh an eu-dochais Agus a’ dhathadh e ann am fuil luchd-daimh, A’ truailleadh a’ chuid mu dheireadh de ’n talamh sin A bha Dia a’ dìleachadh chum a’ ghlanadh. Bha uile-bheistean ’o na comhnardaibh—an craidhnichean Nach do mhill liath-reothadh cheudan bliadhna— Le ’n uile neart a’ briseadh troimh ’n mhorshluagh; Agus eunlaith fhiadhaich an adhair, Air an leagadh sios le neart nan uisgeachan troma, Le ’n sùilibh air an dalladh le iteach luidrichte, agus sgiathaibh slaodach A’ gluasad, gu neo-mhothail, thar na closaichibh. Bha na beanntan fuidh uisge; bha na comharran-criche A bha deallachadh nan duthchannan air dol fodha, Gus nach robh ach aon mhullach beinne a mhain, Os ceann nan ard-thonn—mar chuspair-amhairc air saoghal baghta; Agus de na treubhan uile a dhubh gach àirde, Aon duine mhain, tha beo: agus air chrith, Gun dochas; ’s gun fhasgadh, sheas e air a bhloigh sin de ’n domhan. Bha càthadh-mara ard-thonn a’ chuain mhoir sin A bha nis a’ comhdachadh an t-saoghail, a’ briseadh aig a chosaibh. Air a cheann liath—gealaichte le eagal, ’s cha b’ ann le aois— Tha nèultan dubha, gun iochd a’ doirteadh an dile; Mu ’n cuairt dha—faicinneach le solus fann na maidne ghruamaich— Tha miltean de chorpaibh air an luasgadh a null agus a nall, Agus le ’n gairdeanaibh sinte, mar gu ’n robh iad a’ smeideadh air A dhol gus a chor chéudna. Bhuail e bhathais, agus air call a chéile, Leumadh e g’ an caidribh; ach feuch! Fa ’chomhair, a marcachd air bharr nan tonn, Chunnaic e dealbh ro mhor, agus g’ a chluais Thainig fuaim aoibhneach a thug sanas dha gu’n robh i àitichte. Dh’ eirich dochas aon uair eile ’n a chridhe. Agus a’ sineadh a ghairdeanan a mach a dh’ ionnsuidh na h-àirce Ghlaodh e le guth ard airson cuideachaidh, Ach, air a’ dhìteadh le Dia, Cha b’ urrainn duine urnuigh-san a’ fhreagairt. Mar shaighead as a bhogha, Chaidh ’n airce gu luath seachad—dh’ éirich na tuinn Agus shlug iad a suas an duine deirionnach. An sin thogadh an dùbhradh bho aghaidh nan speur, Agus dhealraich solus na gréine air cuan gun chladach, Agus air àirc’ na dìdein. Eolas an Deididh. Chunnaic mi Tàbhart (sic!) ’Siubhal air beanntaichean Nabot A chnei(mh) na ’dheud, Gun tuigse na ’bheul, Dhianag leigheas dha ’dheud, Ach tha mise ga d’ leigheas An ainm Mhic Dhé. [An t-ainm] Is e so an t-eòlas bha aig Iain Macillineain (an Lùb), nach maireann airson an déididh. Dh’ ionnsuich e an t-eòlas seo bho chionn còrr agus ceithir fichead bliadhna sa deich bho fhìor sheana bhoirionnach aig taobh Loch Monar, mar a bha e air a chleachdadh, na ’barailse, bho làithean an t-Soisgeil. A réir a beachd-sa bha e ri chreidsinn gu ’n do leighis an Slànuighear a chnaimh. Bha ’n duine seo ainmeil airson casgadh an déididh ’s bhiodh e ’toir biorain seachad a rachadh a chur san fhiacail. Nuair bha e sireadh a bhiorain bha e gabhail an Duain. “Mas e a bhiast tha sa chnaimh,” os es, “ni mi do leigheas.’ Sgriobh mi na focail bho Padruig Stiubhart. [TD 343] [Vol. 5. No. 44. p. 7] Neo-bhasmhorachd. Chunnaic mi ’m blàth a’ seargadh air a’ phreas, le ’dhuilleagaibh bòidheach sgapta air an làr. Dh’ amhairc mi ’rithist: thog e ’cheann as ùr; bhrùchd a mach am maothan og ’na bhàrr; thàinig ’fhàileadh cùbhraidh orm ann an uchd na gaoithe. Chunnaic mi ’ghrian a’ dol fodha san iar agus neòil chiar-dhubh na h-oidhche a’ sgaoileadh mu’n t-saoghal; cha robh dath, no dealbh, no àilleachd, no ceòl; ach aon duìbhre dhorcha a’ tuinneachadh mu’n cuairt. Dh’ amhairc mi; dh’ éirich a’ ghrian a ris san ear ann an àilleachd a neirt, a’ sgaoladh a gathan òr-bhuidh air àirde nam beann: á ’neadan còinnich dh’ éirich an riabhag a chur fàilte oirre; agus theich an oidhche ’na ciar-imeachd air falbh. Chunnaic mi ’n durrag air teachd gu làn mheudachd; dh’ fhàs i fann; dhiùlt i lòn; shniomh i uaigh dh’ i féin, agus chunnaic mi i air a righe ’na léine-bhàis shioda; luidh i gun chosan, no dealbh, no lùth, no comas gluasaid.—Dh’ amhairc mi rìs; bhris i cuibhreach a’ bhàis; thàinig i beò as ùr; air a sgiathaibh dearg-bhreac àillidh ghabh i mach air blàs chéitein na gaoithe; rinn i gàirdeachas ’na h-ùr bheatha. ’S amhuill so a thachras dhuitse, O dhuine!—mar so ath-ùraichear do bheatha-sa. Cinn-àilleachd as an ùir, agus beatha as an duslach. Tamull beag, agus luidhidh tu fo’n fhòid, mar luidheas an sìol san fhonn; ach togair thu ’na dhéigh so, agus a chaoidh cha bhàsaich thu. Cò esan a tha teachd a bhristeadh cuibhreach na h-uaighe, a dhùsgadh nam marbh, agus a chruinneachadh a mhuinntir shaorta féin o cheithir àirdibh an domhain? Tha e ’tùirling air neul lasarrach; tha mìlte do ainglibh air a dheas làimh.—’S e Iosa mac Dhé a t’ann, Fear-saoraidh a’ chinne-dhaonna; caraid nam ionracan. Tha e ’teachd ann an glòir ’Athar; fhuair e cumhachd o ’n àirde. A mhic na neo-bhasmhorachd, na bi fo bhròn! oir tha am miltear an-iochdmhor a thug sgrios air oibribh Dhé, air a cheannsachadh. Thug Iosa buaidh air a’ bhàs. A mhic na neo-bhàsmhorachd! na bi ni ’s faide fo bhròn!—Leabhar nan Cnoc. A’ Ghort anns na h-Innsean. Cha d’ thainig gort air na h-Innsean anns an linn so cho fior dhona ris a ghort a bh’ ann air a bhliadhna so. Cha ’n eil teagamh nach robh i anns an dùthaich sin iomadh uair o’n bha i air a h-àiteach leis a chinne-daonna an toiseach, ach ’s i cheud te air am bheil cunntas againne, a’ ghort a bh’ ann ’sa bhliadhna 1770, ’nuair a bhàsaich deich muilleinean sluaigh le cion a bhidh. Bha gort eile anns an dùthaich eadar na bliadhnaichean 1876 us 1878, leis ’n do bhàsaich coig muilleinean. Bhiodh a’ ghort am bliadhna moran na bu sgriosaile na bha i na ’m biodh an dùthaich fhathast fo riaghladh nam prionnsachan nàisinneach. Tha’n dùthaich moran na ’s fhearr fo riaghladh Bhreatuinn. ’S ann fo riaghladh Bhreatuinn a thainig i gu bhi cho làn de rathaidean-iaruinn ’s gu bheil e comasach, nuair a thig luchd soithich de bhiadh gu acarsaid, a sgaoileadh air feadh na dùthcha an ùine gle ghoirid, agus gu faigh iadsan a tha anns na h-iomaill a’s fhaide mach de ’n dùthaich an riarachadh cho math ’sa gheibh iadsan a tha còmhnuidh anns na bailtean-mora. Agus cha ’n e mhàin sin, ach tha leithid de chùram air a ghabhail de ’n bhiadh leotha-san a tha ’ga riarachadh ’s nach eil a bheag sam bith air a mhi-bhuileachadh. Tha gach luchd soithich air a riarachadh air an dòigh a’s fhearr a ghabhas deanamh chum ’s nach bi ana-caitheadh sam bith ann, ach gu ’m bi e uile air a chur a thearnadh beatha ’n t-sluaigh. Tha cliù mor dligheach do Bhreatunn air son a carthannachd, agus bheirear urram dhi gu bràth air son mar a shìn i mach a gàirdean cumhachdach a thearnadh nam muilleinean air taobh eile ’n t-saoghail. Ach buinidh cliù mar an ceudna do na Stàitean Aonaichte. Chuir Riaghladh na dùthcha sin soitheach-smùide mor air a’ Chuan Chiùin gu bhi ’giulan flùir eadar San Francisco us Bombay. Nach briagha an sealladh e,—dùthaich mhor Chriosdail a cur bidh gu Pàganaich a tha bàsachadh le acras deich mile de mhiltean air falbh. Is duilich ri chreidsinn e, ach leugh sinn e an la roimhe, gun d’ fhuair gach seachdamh duine anns na Stàitean a bhreith us àrach ann am baile-mor Lunnainn. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co Mai 4.; ’95 [TD 344] [Vol. 5. No. 44. p. 8] Oran LE GILLEASPUIG S. DUGHALLACH, ’AM MARGAREE. Tha e coltach ged a rachadh aig “goirteas cinn” air a chumail far frolic nach b’ urrainn da a chumail gun bhi ’bàrdachd. Fàth mo mhulaid mi bhi fuireach ’Mulach nam beann àrda, ’S càch air cruinneachadh le cuireadh ’S iad ri iomadh mànran, ’S mi fhéin leam fhéin ’an so gu tinn Le goirteas cinn ’g am chràdhadh, Gur beag mo shunnd ri dhol a nùll Far ’bheil iad cruinn a’ fràimeadh. Cha ’n e cion cuiridh ’rinn mo chumail ’Diugh á measg nan càirdean, Ach liunn-dubh a bhi air ghur Air tuinneachadh ’am nadar; Oir fhuair mi cuireadh farsuinn, ciatach, Fialaidh mar a b’ abhaist Bho ’n fhear dhiadhaidh, ghasda chriosdail, Nach ’eil giomh na ’n nadar. Sud na leoghain ghuineach, bhréun, Na ’n tigeadh feum air àrdan; Nach gabh giorag ’n àm na h-iomairt Ro ruinn bhiorach stàillinn; An am na sìth, a tha cho mìn Ri sìoda ’bhiodh an làmhain; ’S tha fios ’am fhìn, na ’n tigeadh strith Nach cìosnaicht’ iad le nàmhaid. ’S iomadh nighean bhoidheach, chridheil, ’Tha na suidhe ’n dràsda; ’S iad a’ mire ris na gillean, Mar is minig ’bha iad; Iad gu toilicht’ air a’ fhrolic, ’Cumail conas graidh ris Na gillean òga, ’tha le dochas ’G iarraidh, “Seall dhomh ’m faine.” Bha mis’ uair ’s bu mhor mo spéis Do thé na té no dha dhiubh; Ach bho ’n a chaidh mi nis’ bho fheum, ’Sann ’s fheudar domh le ’m nàire ’Bhi toirt mo chùil ri ait’ ’m bi sùnnd, Bho’n dh’fhalbh mo shùrd ’s mo mhànran, ’S bho ’n theann an aois a nall ri ’m thaobh, ’S a chaochail i mo nàdar. ’Nuair a bha mi na ’m ghill’ òg Bu ghòrach mar a bha mi,— An duil gu maireadh neart is òige, Orain is ceol-gàire; Ach an diugh gur ann is léir domh, Bho ’n a threig mo shlàinte, Gu ’m beil gach aon a’ dol a chaochladh ’S nach teid aon duin’ fhagail. ’S corr domh nise thoirt fanear, An t-anam ’chaidh a chàradh Air mo chùram, gus a ghiùlain Glan a dh’ ionns’ mo Shlànair; ’S a bhi ’g ùrnuigh ri mo Chruithear Ré na h-ùine ghearr so E fhein na iùl-fhear bhos mo chionn Ga ’m ghiulain ’stigh gu Pàras. Ach Iain Ruaidh na biodh ort gruaim Ged nach d’ fhuair mi ’n drasda, Dol measg nan uaislean tha gu h-uallach A’ cur suas an fhraim duit: Ach guidheam piseach, mic ’s deagh run A bhi gu dlu na nàbaidhean Dhut gach bliadhna, gur an triall thu, ’S Dia a bhi ’n ad fhàrdaich! Laoidh. AIR FONN: “Eilean an Fhraoich.” Rinneadh na rainn so le banntrach Ailean Pheutain, no mar a theirte rithe na h-òige, Caitriona Bhàn, nighean Iain Mhic Ruairidh Oig an Raasaidh. Tha i o chionn iomadh bliadhna a fuireach ’san Ròs Ghleann an sgire Strathalba, an Eilean a’ Phrionnsa. Ma bhios àite anns a MHAC-TALLA do ’n aon oidheirp a thug i riamh air bardachd a chur ri cheile, bidh a sean-chairdean toilichte fhaicinn. C. C. Ach ’s truagh nach robh mis’ an Irusalem nuaidh Gun ghearain gun bhròn ann ach solas bith-bhuan, Cha ’n fhaigh naimhdean do ghloire chaoidh coir a dhol suas Ach bidh ’n dream a fhuair trocair seinn oran an Uain. O deansa ar teagasg le focal do ghrais, Is thoir dhuinn an creìdimh bhios seasmhach gach trath, ’S an namhaid ga’r buaireadh ’s ga’r tuairgneadh gun tamh, ’S ag radh nach eil suamhneas no fuasgladh o’d lamh. Ach o nach ath-bheothaich thu nise do shluagh Gu tagradh le durachd air son ùrachadh ’uat, Oir tha stor ud cho làn gun traghadh air uair,— Bho amhuinn an t-solais thig beo-uisge nuas. Le firinn a Mhuire ’s ann anad bha ’n gradh! Nuair dh’ fhan thu ga fheitheamh gun eagal, gun sgath, Gu ’n dubhairt e, “Na bean rium, cha deachaidh mi ’n aird A dh’ ionnsuidh ’ur ’n Atharsa ’s m’ Atharsa ghnath.” Ach o nach labhair thu nis’ ris an oige Tha siubhal gu mi-rianail gun striachdadh do ’n choìr, Deanamh tair air an t-slaint’, bhearadh gras dhaibh ’us gloir, Leantuinn slighe Bhalaam ’bheir bàs orra ’s bròn. Ach deonaich gu faic sinn deadh laithean do ghloir ’S am bith Iudhaich ’us Cinnich a pilleadh le deoin A cur earbs’ ann am buaidh fuil an Uain do gach seorsa Is fo fhasgadh do sgeithe gun gleidh thu iad beo. Thoir comhnadh is teasuirgin dhuinne bho’n Fhein Mu ’n dean i ar milleadh mar inneal ro gheir; Ar suil a bhi suas ’s ann ri buachail’ an treud ’S ann bho gheallaidhean buadhar ’thig fuasgladh nar feum. Agus o nach tugadh thu ’n ais-eirigh bheo Air cnamhan tha tioram, ga ’n tional do ’n chrò, ’S gu ’n cluinneadh an cluasan guth a bhuachaille mhoir, ’S iad mar chaoraich an tuaineil fo thuaicheal ’s a cheo. Ach o gu ’n robh leaghadh air cridheachan cruaidh Bho eisdeachd an t-soisgeil is gun e toirt buaidh. Thoir eisdeachd do ùrnuigh ’s do dhurachd do shluaigh, ’Dheanadh gairdeachas ur ris an driuchd theachd a nuas. A Shlanuighear beanaichsa focal do ghrais A nis do ’n luchd-eisdeachd ’s iad feumach a ghnath ’S do theachdairean dileas ag innseadh gach la Mar beirear a ris sinn gun dìtear gu brath. Faisg air da bhliadhna air ais, sgriobh an t-Urr. Job Roadhouse, á Seeley ’s Bay Ont., ’g ar n-ionnsuidh—Ceadaichibh dhomh innse dhuibh cho measail ’sa tha mi air K. D. C. Bha mo stamag cho dona ’s gu robh i deanamh coire do m’ amhaich, air uairibh bhiodh eagal orm gu ’n caillinn mo ghuth, ach thug K. D. C. a leithid a dh’ fhaoth’chadh dhomh, ’s gu bheil mi creidsinn gur h-e leigheas stamaig a’s fhearr a dh’ fheuch mi riamh. A RITHIST sgriobh air Maigh 25, 1896, mar a leanas—“Cha chuala mi neach sam bith a dh’ fheuch K. D. C. ag radh dad ’na aghaidh, ach tha gach aon ’ga mholadh mar leigheas math. Tha e ’ga mholadh fhein ’s gach àite ’n teid e.” Cha toir tim smal air a chliù, agus gun teagamh ’s e ’n leigheas air cion-cnàmhaidh a’s fhearr a gheibhear an Canada. Tha K. D. C. Pills mar an ceudna anabarrach math air son a chuim. Sampuill a nasguidh. K. D. C. Company Limited, New Glasgow, N. S., and 127 State St. Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 345] [Vol. 5. No. 45. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 15, 1897. No 45. Fearas-chuideachd nan Gaidheal. FEAR A’ GHILL BHOIDHICH BHUIDHE. Tha a’ chuideachd a nise air suidhe mu’n cuairt a rithist, agus tha fear a dol mu’n cuairt le a cheann-aodach agus a’ faotainn geall air bith bho gach aon ’s a’ chuideachd, agus ga ’n caradh uile anns an aid, aguus ga ’n ruaimleadh air feadh a cheile. Tha e an sin a’ suidhe agus an ad aige na laimh, agus fear-eigin a dol air a ghluinnean le ’dha shuil duinte, direach mar thachair aig “Trom an oir.” Bheireadh am fear aig an robh na gill a mach aon, agus ga chumail os cionn ceann an fhir a bha gu h-iosal, dh’ aithriseadh e na facail so:—“Ciod a ni fear a ghill bhoidhich, bhoidhich, bhuidhe so?” Bha am fear a bha gu h-iosal ag ainmeachadh ni eigin do gach aon, agus ge b’ e air bith de cho cruaidh ’s a dh’ fhaodadh am peanas a bhith, dh’ fheumteadh dol na ’dhail. Thigeadh air fear, theagamh, na reultan a chunntas, air fear eile ruith ceithir-thimchioll an tighe air a leth chois, agus air maighdinn oig ceithir oisnean an tighe a phogadh, agus dh’ fhaodadh tu a bhi cinnteach nach biodh na h-oisnean aig an am sin falamh. An uair a bha crioch air na gill’ agus gach aon an deigh a chuid fein a dheanamh, bha crioch air a chleas so cho math ris a’ chorr agus chaidh tarruinn a thoirt air fear eile. GILLIDE GOC. Is cleas so, tha mi creidsinn, nach ’eil ach ainneamh ri fhaicinn ga chluich a nis, ach a bha gle fharumach aon uair. Bha an comhlan na ’n suidhe gu socair soinbheirt mu’n chagailt, agus bha fear a’ faotainn bior caol fiodha agus a’ cur an dara cinn deth anns an teine, gus am biodh lasair as. Bha so ga chur ann an laimh an fhir a bha aig ceann na sreatha agus a’ dol o aon gu aon mu ’n cuairt a’ chuideachd, agus a h-uile h-aon riabh ag aithris, cho luath ’s a’ dheanadh a theanga dha— “Cha ’n ’eil clach no crann, No maide caol, cam, ’S a’ choill ud thall, Nach tuit mu d’ cheann, Ma leigeas tu bàs Gillide-goc.” Mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, cha mhaireadh an lasair air a’ bhioran fada, agus co sam bith lamh anns an rachadh i as bha a pheanas fein a’ feitheamh air. Bha so a’ cur tuilleadh spread anns gach aon gus an rann aithris cho luath ’s a bha e na chomas, agus is ann an so a bha a’ chuid a bu mho de thoil-inntinn a’ chleas so ri fhaotainn. Cha luaithe bha am fear so seachad na thainig fear eile air bonn. BIORAN BEO. Tha an cleas so anns gach doigh cosmhuil ri “Gillide-goc,” ach a mhain gur e a’ bheolach a tha ri bhi air a’ bhioran anns an fhear so an aite na lasrach anns an fhear eile. Tha e air a ghiulan air aghaidh anns a’ cheart doigh ris an fhear a dh’ ainmich mi; is e sin, am bioran a’ toiseachadh aig ceann na sreatha agus a h-uile h-aon mar a rachadh a shineadh dha ag aithris, cho clis ’s a b’ urrainn da— “Bioran, bioran beo, Fhad ’s is beo am bioran, Ma theid am bioran bas, Bidh an geall ort.” Am fear aig an d’ thug am bioran suas an deo, bha an geall air, agus bha a dhuais fhein aige ri fhaotainn cho math agus anns a’ chorr de na cleasan a dh’ ainmich mi; agus cho math ris a’ chorr bha a thoil-inntinn agus a lan-aighear daonnan a’ leantainn a chleas so. Tha a nis tarruinn ga thoirt air fear eile d’ an cheart seorsa. SIMON AGUS NA SAOIR. Tha a’ chuideachd fhathast na ’suidhe agus cha ruig iad a leas eirigh air son a’ chleas so. Tha gach aon a’ cur am basan air an gluinean gu teann, gramail, agus tha am fear air an ramh-ghuailne ag aithris nam facal so, agus aig a’ cheart am a’ togail agus a leagail a bhasan a’ freagairt nam facal— “Dh’ iarr Simon air na saoir A bhi ’g obair, a bhi ’g obair; Dh’ iarr Simon air na saoir A bhi ’g obair—sin gun stad.” An uair a gheibheadh e air siubhal iad gu math, agus “hugan” aca air a chluich so, a h-uile h-aon a’ toirt barr a’s barrachd air a cheile ann an cur an òrdugh an gniomha, bha atharrachadh beag a’ tighinn anns an rann, an uair nach robh fiughar ris, agus bha fear-na-stiurach ag aithris mar so— “Dh’ iarr Simon air na saoir A bhi ’g obair, a bhi ’g obair; Dh’ iarr Simon air na saoir A bhi ’g obair—sin stad.” Is ann aig a so a bha an ceol air a chur feadh na fidhle. Am fear a b’ fhaide bha gun a bhasan a leagail cha robh a’ toirt grad gheill do dh-ordugh Shimon, agus, leis a sin b’ esan an ciontach anns a’ chleas so. Bha moran tuille de chleasan a dol, mar bha “Cruidheadh na laire bain,” “Falach-fead,” “Cuir air luing,” “Thug so gradh,” “An tigh mor a thog m’ athair dhomh,” “Lura bocan,” agus sgaoth eile de chleasan agus de thoimhseagain air nach comasach dhomh iomradh a dheanamh. Leis nach robh ach roinn de dh-uine na ceilidh air a toirt suas leis na cleasan a dh’ ainmich mi, feumaidh sinn a chuimhneachaph gu ’n robh moran eile de fhearas-chuideachd aig na Gaidheil a bu choir dhuinn tighinn thairis air. Cha ’n e a mhain gu ’n robh gach aon de na cleasan taitneach ud a dh’ ainmich mi (agus cuid nach d’ ainmich mi idir) ach bha orain de gach seorsa dol agus a’ phiob mar bu choir an teis-meadhoin na cuideachd. Cha’n ’eil e comasach ann an òraid ghoirid de’n t-seorsa so tighinn thairis air gach fearas-chuideachd a “bha” agus a “tha” aig na Gaidheil. Ach anns an t-suil aithghearr a thug sinn air a chuspair so chunnaic sinn gu bheil cleas no dha ann a tha an cunnart a bhi air an di-chuimhneachadh, mur am bheil iad cheana ann. Nach sona a bhiodh a liuthad dachaidh ’nar measg na’n robh cuid de na cleasan ud air an cumail beo fhathait, seach an fhearas-chuideachd a tha air ullachadh air son oigridh. Bha sonas, sith, agus duinealas a’ riaghladh eadar duine agus duine ri linn do na cleasan so a bhi air an cleachdadh, agus ma bha iad na ’n aobhar sonais ’san am a dh’ fhalbh, cha’n fhaod e bhith gu bheil sinn cheana air atharrachadh cho mor ’s nach tugadh iad toil-inntinn duinne mar an ceudna. Agus ma ’s e is gu bheil sinn air fas sgith de ghnothaichean d’an t-seorsa so (rud tha fhios agam nach eil) is urrainn duinn mar is lugha an cumail beo le bhi ga’n cruinneachadh ri cheile, agus mar so, aite bhann an eachdraidh nan Gaidheal air son an cleasan, cho maith ri an sean-fhocail, ri an ceol, agus ri an iomadh cleachdadh uasal, ionmholta. Fhad ’s is beo mi bidh cuimhne agam air a liughad feasgar a chaidh a chur thairis anns an doigh so, far an d’ fhuair mi m’ arach, agus ìs i mo bharail ma tha cearn eile d’an Ghaidhealtachd anns nach robh an leithide so de chleasan a’ dol air aghaidh, nach ’eil moran aobhair moit aca as cho Gaidhealach sa tha iad, agus mar is luaithe gheibh iad an teagasg anns an ni so, is ann is fhearr. Thigeadh fasan ur gach la; biodh toileachas inntinn ur ri fhaotuinn gach laidhe greine; siubhladh gach seana chleas seachad ma dh’ fheumar, agus siolaidheadh gach ni Gaidhealach ann an cuan na’n nithean a threig— Is toigh leam na cleachdanna ceanalta bh’ ann; Na biodh iad air diochuimhn’ a nis aig a chloinn; An caoimhneas, an cairdeas a’ bhàigh a’s an t-eud, Thug cliu dhoibh ’s gach aite fo chuairtean nan speur. —AONGHAS OG ’sa Highland News. [TD 346] [Vol. 5. No. 45. p. 2] COMHRADH EADER MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR. Thainig thu mar a gheall thu, a ghoistidh, agus a dh’ innseadh na firinn’ cha robh dùil agam riut gu feasgar. An d’ thug thu an gearran donn leat, an uair a chuir thu an t-slighe seachad co luath, oir cha bheag an t-astar a ta eadar so agus an Goirtean-Fraoich? COINN. Ma ta, a Mhurachaidh, rinn mi an t-slighe na bu luaith’ na bu mhaith leam, oir cha robh cruidhean air a’ ghearran agam fein, agus thug mi leam Eolus aig Sir Séumas, a bha diomhain aig a’ bhaile; agus ruith agus leum e fodham, air chor ’s gu ’n robh mi a’ dian-ruith ré na slighe mar a ghaoth. M. Cha ’n ioghnadh sin, a Choinnich, oir tha fios agad gur e Eolus dia na gaoithe, ceart mar a dh’ innis mi dhut roimhe gu ’n b’e Morpheus dia a’ chadail. Tha dorran orm nach fhaca mi thu na d’ dheann-ruith air muin Eoluis, oir chuireadh tu ’na m’ chuimhne “Iain Gilpan” mu ’n cual mi mòran an uair a bha mi am bhallachan òg. C. Coma co dhiubh, a Mhurachaidh, gheall thu dhomh an uair a bha sinn cuideachd mu dheireadh, gu ’m mìnicheadh tu dhomh iomadh ni mu nàdar agus cleachdanna nan diathan-bréige sin d’ an robh na Cinnich Ròimheach agus Ghréugach a’ toirt geill. M. Tha thu gle fhior, a charaid; rinn mi sin gu ’n teagamh, ach aig an àm leigidh sinn ar n-inntinn air naigheachdaibh eile, agus air gach ni a thachair o’n chunnaic mi mu dheireadh thu. C. Cha ’n eil ùrachd idir agam, a Mhurachaidh, uime sin buaileamaid an t-iarunn an uair a tha e dearg, agus faigheamaid sgeul air gnathannaibh nan Cinneach iodhol-aorach sin an uair a tha iad againn os làimh. M. Ma ta, a Choinnich, is fhad o’n chual sinn “Nach tig ubh mòr á nead an dreathain-duinn,” ceart mar sin na biodh dùil agadsa, a ghraidh nam fear, gu ’m faigh thu cunntas farsuing air na nithibh sin o dhuine aineolach mar a ta mise. C. ’S eadh, ’s eadh, a charaid ionmhuinn, ’se tìm a bheir teisteanas, mar a thubhairt an sean-fhacal, rach air d’ aghaidh, agus cha ’n eagal idir nach téid a’ chùis leat, oir tha deagh eòlas agad air na cleachdannaibh eugsamhla a bha ann bho chéin. M. Cha ’n fhurast dol as bho d’ liontaibh, a ghoistidh, ach thainig ni àraidh na ’m bheachd leis am bi thu, feudaidh e ’bhi, air do riarachadh gus am bi tuilleadh ùine againn gu léudachadh na’s farsuinge air na cùisibh sin. Bha mi a’ léughadh sgéul iongantach an raoir ann an Cuairtear nan Gleann mu thimchioll Neptuin, dia a’ chuain. Sgriobhadh i le do charaid an Seann Sgiathanach, o cheann tri bliadhna deug thar fhichead, agus do bhrigh gu ’m bheil i ùr dhutsa, feudaidh mi ruith thairis oirre gu luath chum do thoileachadh. C. Dean sin, ma ta, a ghoistidh, agus ma thugadh an sgeul riamh seachad leis an Sgiathanach, mo làmhsa dhuit gu ’m bi iomradh air na sithichibh ann, no air glòrais éigin mu na réultaibh, oir bha dùil agam riamh gu ’n robh seillean ann an ceann an Sgiathanaich sin. M. Ud, ud! a Choinnich, na bi co bras, oir is dona a thig e dhuitsa a bhi ’cur sios air neach sam bith a thaobh nan sìthichean, oir bu dian an caraid thu fein dhoibh. C. Tha mi ’g iarraidh maitheanais, ort, a ghoistidh choir: chuir mi stad ort na d’ sgeul; rach air d’ aghaidh agus bheir mise deagh chluas duit. Tha e na ’aobar taingealachd, gu ’m bheil an Ti a thug comas labhairt dhuitsa, a’ toirt comais eisdeachd dhomhsa. M. Ma ta, a Choinnich, cha mhor nach eil mi ’smuaineachadh gur h-ann na d’ cheann fein a tha ’n seillean, agus gu ’n do chuir an steud-each Eolus ear na d’ eanchainn; ach coma co dhiubh, theid mi air aghaidh le m’ sgeul. Tha moran, gun teagamh de luchd-leughaidh a’ phaipeir nach cual guth riamh air na cleasaibh iongantach a ta ga’n gnàthachadh air longaibh an uair a bhios iad a’ seòladh a null air crios-meadhoin an talmhainn. Nithear dichioll, uime sin, air cunntas goirid a thoirt air na cleasaibh sin, do bhrigh gu ’m bheil iad air an cleachdadh gu ruig an là ’n diugh air moran de na longaibh a ta ’seòladh thar a’ chrios sin do dh’ Innsibh na h-Airde-near, Astralia, no àite air bith eile ann an cuantaibh na h-Airde-deas. C. Tha mi gu tur aineolach air na nithibh sin, ach rach air d’ aghaidh, a ghoistidh choir. M. Biodh fios agad gu ’m faicear a’ ghrian anns an rioghachd so deas oirnn aig meadhon-là, ach na ’m biomaid ann an Astralia chitheamaid i mu mheadhon là tuath oirnn. Tha ’n talamh cruinn, agus leth-char air chumadh uibhe; tha, uime sin, àite sònraiche aig meadhon an astair eadar ceann deas agus ceann tuath an talmhainn, far am bheil a’ ghrian aig meadhon-là direach os ar ceann, agus ’se sin an t-àite ris an abrar anns a’ Bheurla an Line no an Equator ’s e sin an crios, no an cearcall, a tha ’cuairteachadh an talmhainn bho ’n àirde-near, gus an àirde-niar, agus ga ’roinn na ’dha leth. Ach chum gu ’n tuig thu so gu ceart, a Choinnich, feumar a thoirt fanear, mar a dh’ innis mi dhuit a cheana, gu ’n robh moran de dhiathaibh bréige aig na Cinnich bho shean d’ an robh iad a’ toirt geill. Is gann nach robh dia no ban-dia aca air son nan uile nithe. Mar so b’e Mars dia a’ chogaidh; Baccus dia an fhiona; Pan dia nan coilltean, agus nan ciobair; Ceres ban-dia an arbhair; Minerbha ban-dia a’ ghliocais, agus mar sin sìos. C. Ochan! nach iad a dhealbh an armailt chumhachdach, chum iad fein a dhìon! Nach cianail tréun-mhealladh agus doille-inntinn a’ chinne-dhaonna! Ach tha mi ’faicinn nach d’ rinn iad dearmad air na ciobairibh bochda, oir thug iad Pan dhaibh. M. Thug gun teagamh, ach tha eagal ormsa ma tha na cìobairean uile cosmhuil ri mo dheagh charaide-sa, nach bi mòran aig Pan bochd ri dheanamh. C. Coma leat sin, a ghoistidh, gabh air adhairt le d’ sgeul, agus thoir cead a choise do Phan. M. Ro cheart, a Choinnich, ach tha e cinnteach, air do na Cinnich a bhi mar so a’ dealbhadh dhiathan na ’n inntinn fein gu bhi ’riaghladh thairis air gach ni, agus air creutairibh co suarach ris na ciobairibh, nach fàgadh iad an cuan mor agus doinionnach gun a dhia fein mar an ceudna. B’e uime sin, Neptun dia mor a’ chuain, agus b’i Amphitrite a chéile rioghail, ban-dia a’ chuain. An uair nach robh eòlas sam bith aig na cinnich thruagha sin air an AON DHIA bheò agus fhior, a chruthaich nèamh agus talamh bha iad gu diomhain ’an dùil gu ’m b’e Neptun a b’ aobhar do gach anradh agus doinionn air a’ chuan mhor, agus gu ’n robh uile uisgeachan an domhain aigesan fo ’smachd fein. C Ochan! b’e Neptun gun teagamh sam bith an diùlnach tapaidh, ach bha gu leòir aige r’a dheanamh. Ach lean air d’ adhart. M. Chum sùgradh agus cridhealas a chumail suas air na longaibh a tha ’seòladh do dhùthchannaibh céin, tha na seòladairean a’ leagail orra gu ’m bheil Neptun ann, agus gu ’m bheil an t-àite-comhnuidh aige direach aig crios-meadhoin an talmhainn anns a’ chuan mhor; agus nach ceadaich e do luing sam bith a dhol seachad air a’ chrios sin gun fhàilt a chur oirre. An uair, ma ta, a ruigeas long an t-àite sin dhe ’n chuan, theid seòladair suas gu mullach a’ chroinnmhoir a ghabhail fradhairc air a’ chuan ceithir thimchioll, agus cha ’n fhad gus an glaodh e le uile neairt—“Tha mi ’faicinn ni eigin cosmhuil ri sgoth air taobh an fhuaraidh.” Ann an ùine ghoirid an déigh sin, cluinnear guth anns a’ chuan aig toiseach na lùinge d’an toir oifigeach àraidh freagradh. Their an guth ris an oifigeach so, “Cuir an long air an laidh-thuige, oir tha Neptun a’ teachd air bord.” Air ball cuirear suas an long, agus air a’ cheart mhionaid sin leumaidh òganach sgiamhach suas air a’ chlàr-uachdair, air a sgeudachadh gu riomhach le briogais ghoirid, le bucullaibh na ’bhrògaibh, agus leis gach ni eile a reir sin. Grad chuiridh e mòran cheistean, ag iarraidh fios air ainm na luinge, cia as di, c’àit am bheil i ’dol, agus ciod leis am bheil i air a luchdachadh? C. Cha chuala mi leithid sin riamh, a Mhurachaidh; cuiridh mi geall gur e sin Neptun fein. M. Air do shocair, a charaid, cha ’n e idir, ach an gille aige, oir innsidh e gu modhail gur seirbhiseach le Neptun esan, agus gu ’n do chuireadh e a thoirt brath gu ’m bheil a mhaighstir a’ teachd gu grad [TD 347] [Vol. 5. No. 45. p. 3] air bòrd. An sin, tha seòl mor air a thilgeadh tarsuing air meadhon na luinge, leis am bheil a toiseach air fhaluchadh o a deireadh. Ann an ùine ghoirid thig Neptun agus a luchd-frithealaidh a mach bho chùl an t-siùil sin, agus nochdaidh iad iad féin na ’m buidhinn eagallaich air a’ chlàr-dheiridh. C. Ochan! a ghoistidh, b’ fhearr leam a bhi ’s a’ Ghoirtean-Fhraoich, cruaidh creagach mar a ta e, na ’bhi maille riu; ach cia mar a streap iad air bòrd? M. Dean foighidinn, a Choinnich, agus cuimhnich nach ’eil annta so gu léir ach na seòladairean fein air an sgeudachadh le culaidhibh iongantach, agus air an cur as aithne le dathaibh geala, dearg, agus dubh, agus le h-aghaidhibh coimheach dheth gach dealbh agus cruth. An sin, tha Neptun ga ’nochdadh fein na ’shuidh air carbad a ta air a tharruing le seisear ghillibh tréuna. Tha na gillean sin ag gluasad mar bheathaichibh ceithir-chosach, le ’n corpaibh ach beag ruisgte, agus air an còmhdachadh le ballaibh dearg’ agus geala fa seach. Tha feamainn agus luibhean-mara mar fhalt air an cinn, agus tha sligean àraidh aca na ’n làmhaibh, leis an dean iad fuaim, agus gleadhraich eagallach. Tha Neptun na ’shuidh gu h-àrd air a charbad fein, le coron rioghail air a cheann, air a deanamh de chòrcaich-chalcaidh, agus tha féusag mhor, robach dhe ’n stuth cheudna a’ tuiteam sios air ’uchd! Aig uachdaran cumhachdach so a’ chuain, tha moran luchd-frithealaidh a ta air an sgeudachadh le trusganaibh a thogas gàire na sgioba, agus leis gach ni eile a chuireas iad fo choslas fiadhaich agus gruamach. C. Ubh, ubh! a Mhurachaidh, cha ’n eil dùil agam gu ’n seasainn ri leithid sin de shealladh fhaicinn, oir tha e eagallach air meadhon a’ chuain mhoir; ach, tha mi ’g iarraidh maitheanais, rach air d’ aghaidh agus innis ciod tuilleadh a chithear. M. Ciod tuilleadh! Cha d’ thainig a’ chuid a’s fhearr fhathast, a Choinnich. Air doibh a bhi mar so cruinn air clàr-uachdair na luinge, chithear ’am measg chàich leigh Neptuin, leis gach cungaidh-leighis na ’làimh, agus mar an ceudna bearradair Neptuin, aig am bheil ealtuinn da throidh air fad, eadhon mìr mor de chearcall iaruinn, a tha dearg le meirg. Aig a’ bhearradair so tha gille mòr, dubh, drabasda, a tha ’giulan cuinneige na ’làimh mar bhocsa-siabuinn, a tha làn tearra agus trusdaireachd eile. C. Mo bheannachd agad, a Mhurachaidh, is ann agad féin tha ’chòisridh eagallach; ach am bheil an luingeas ré na h-ùine so a’ seòladh? (Ri leantuinn.) Cha ghlòir gun cheannach glòir nan cailleach. Cha ’n e ’n ro-sgoilearachd a’s fearr. An do phàigh thu MAC-TALLA Na Saoghail Eile. Nam faiceamaid meall talmhainn, mìle gach rathad, air fad, air leud, ’s air àird—shaoileamaid gu’m biodh e ro mhòr; ach cha bhiodh ann ach neoni an coimeas ris an t-saoghal: agus ma sheallas neach air a chuan, o mhullach beinne, is farsuinn an sealladh; ach is ro bheag de’n t-saoghal mhor a chithear. Gidheadh tha an t-Uile-chumhachdach a tionndadh a chruinne gach latha, air dhoigh ’s gu’m bheil an cearcal-meadhoin a ruith corr a’s mile mhiltean ’s an uair; agus tha an cruinne a ruith corr a’s mile mhiltean gach mionaid mu’n cuairt do ’n ghrein. Na ’n gluaiseadh carbad thun na greine, agus gu’n siùbhleadh e leth-cheud mìle ’s an uair, dh’ oidhche ’s a latha, ghabhadh e corr a’s da cheud bliadhna a ruigsinn na greine; ach tha ’n cruinne a dol mu’n cuairt do ’n ghrein, an aon bhliadhna, astar a tha corr as sè uairean ni’s fhaide na astar na greine. Anns a chruthachadh tha iomad saoghal eile, a bharr air a chruinne so, agus tha cuid diu moran ni’s mugha. Tha na planaidean Jupiter, Saturn, Uranus, agus Neptun iomad uair ni ’s mugha na ’n saoghal so; tha Jupiter amhain mu dha cheud deug uair cho mor ris an talamh; agus tionndaidh i mu’n cuairt an taobh a staigh de dheich uairean a thìm. Ach is beag na planaidean uile an coimeas ris a ghrein. Tha ’n lòcran mor so corr a’s da cheud deug mile uair ni’s mugha na’n cruinne; agus cuiridh i ceithir an coig latha fichead gu leith, air dhoigh ’s gum bheil a cearcal-meadhoin a ruith corr a’s ceithir mile mhiltean gach uair agus tuigear gur uamhasach an teas ’s an dealradh soluis air a h-uachdar, nuair a bheirear fanear gu’m bheil i corr as ceithir fichead muillein mile ’s a deich air astar. Nuair a sheallar air a ghrein troi ghloinneachan-amhairc, chithear moran de bhuill dhorcha oirre. Tha cuid diù sin corr a’s da cheud uair ni ’s mugha na ’n saoghal gu leir; agus tha iad ag atharrachadh bho àm gu àm, gun allsachd; agus tha tuinn dheisneach theineil a sruthadh, agus gaothan loisgeach a seideadh mar dhoinnionn garg mu’n cuairt daibh. Nach eagallach cumhachd an Ti a bheothaich an teine mor so, agus a tha ga chumail a losgadh gun isleachadh fad linntean gun àireamh? Tha corr a’s da cheud planaid a dol mu’n cuairt do’n ghrein, cuid ni’s ealamh na’n talamh, ach a chuid mhor dhiubh ni’s moille. Tha Mercuri a criochnachadh a cuairt an taobh a stigh de ràithe; ach gabhaidh Uranus corr a’s ceithir fichead bliadhna, agus Neptun corr a’s ochd fichead bliadhna. Tha an saoghal so mu dheich uairean air fhichead ni’s fhaide bho ’n ghrein na ’n talamh, agus mar is fhaid as iad, ’s ann is moille an cùrsa. Tha na reultan seasach a feuchainn neart a Chruitheir gu ro shoilleir. Nuair a chithear iad sin le gloinneachan-amhairc mora, tha iad gun àireamh; tha iomad muillein ’s a bhainne-shlighe amhain. Agus is grian gach aon diu: oir tha iad cho fad as ’s nach gabhadh iad faicinn le solus na greine. Bho cheann ghoirid, fhuair speucadairean amach astar àireamh ro bheag dhiu, le moran seòltachd agus innealaibh ro eagnaidh; oir cha’n eil e ’n comas duine astar neart diu a thomhas. Tha an reul-sheasach a’s faisge oirnn, ris an abrar Alpha Centauri, corr us da cheud uair ni’s fhaide bhuainn na ghrian. Tha an reul shoilleir so fada gu deas, air dhoigh ’s nach faicear i am Breiteann. Tha Sirius, no reul a choin, ceithir uairean cho fad as rithe sin: tha Polaris no an rionnag thuathach, a choig uiread, agus Arcturus a sheachd uiread cho fad as, no mu na tuairmeisibh sin. Cha ghabh astar speurail air bith tomhas gu pongail, mar astar talmhaidh, agus gu sonraichte astar cho mor ri so. Nan deantadh samhla a chruthachaidh, air dhoigh ’s gu’m biodh oirleach a seasamh airson ceithir fichead mile mhiltean, bhiodh pairt de mar so. Bhiodh an saoghal mar ghraine beag luaidhe: bhiodh a ghealach mar ghrainne mìn gainneamh, tri òirlich air astar, agus a ghrian mar chruinne, mu throigh crosgach, agus mu cheud troidh air astar. Bhiodh Iupiter mar pheileir, òirleach crosgach, agus mu choig ceud troidh air astar; agus bhiodh Neptun mar éitein peasrach, mu mhile slat air astar. Bhiodh Alpha Centauri corr a’s ceithir mile mhiltean air astar; Sirius, faisg air fichead mile mhiltean, agus Arcturus, deich mile fichead mile air astar. Cha ghabh meud nan reultan-seasach tomhas; oir cha ’n fhaicear an còm; ach ma bheirear breith bho ’n solus, tha cuid diu mòran ni ’s mugha na ghrian. Tha Alpha Centauri a toirt tuille ’s a dheich uiread soluis ris a ghrein, agus Sirius corr ’s a cheud uiread. Nuair a sheallar air na reultaibh seasach troi ghloineachaibh-amhairc, chithear gum bheil da reult an cuid, tri am pairt eile, agus ceithir anns na h-uibhir dhiu; agus tha iad sin a dol mu ’n cuairt air a cheile gun tamh. Bho cheann beul ri ceud bliadhna air ais, thug speuradairean an aire gun robh na reultan-seasach a gluasad gu mall: agus chunncas mar an ceudna gun robh cuid a réir coltais, a sgaoileadh bho cheile, am feadh ’s a bha na reultan mu’n coinneamh a dlùthachadh. Cha robh ach aon doigh air a so a shoilleireachadh. B’ eiginn gun robh a ghrian a dlùthachadh air a phairt sin de ’n iarmailt far an robh na reultan a sgaoileadh, agus a falbh bho ’n phairt eile. Mar so fhuaras amach gum bheil an cruthachadh mòr farsuinn uile air ghluasad gach ial, fo laimh an Ti Shiorruidh a dhealbh e. Gun teagamh, “Is mòr an Tighearn, agus is ro airidh e air moladh; agus cha ’n fhaodar a mhòrachd a rannsachadh.” Cha robh cù luath riamh nach d’ fhuair a leòr obair. Cha téid gad air gealladh. [TD 348] [Vol. 5. No. 45. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, MAIGH 15, 1897. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil an cogadh eadar a Ghreig ’s an Tuirc seachad, agus nach eil a Ghreig air call gu dona. Cha bu chòir dhi tòiseachadh, oir bha i tuilleadh us lag airson na Tuirce, agus ged a bha taobh mor aig na Criosduidhean anns gach cearna dhe’n t-saoghal rithe, cha d’ rinn sin feum sam bith dh’i, oir cha do chuir iad cuideachadh sam bith uice. Tha na rioghachdan mora a nise feuchainn ris an réit a dheanamh; tha a’ Ghreig an deigh striochdadh dhaibh gu buileach, agus cha’n eil ri dheanamh a nise ach cumhachan sithe. Cha toir na rioghachdan do ’n Turcach ach na chi iad fhéin iomchuidh; ’s cha mho ni iad de lagachadh air a Ghréig ach cho beag ’sa ’s urrainn daibh, oir ’se gle bheag a tha ’n dùthaich bhochd sin comasach air a ghiùlan. Cha ’n eil an réit air a dheanamh eadar Breatunn agus an Transvaal fhathast. Tha Cruger agus luchd-riaghlaidh eile na dùthcha sin an dùil gu bheil iad ’nan daoine cumhachdach, agus gu ’m b’ fhurasda dhaibh buaidh fhaotainn air Breatunn nan tòisicheadh cogadh. Tha iad mar sin a’ cur dragh nach beag air Riaghladh Bhreatuinn, agus air Riaghladh nan dùthchannan a bhuineas do Bhreatunn timchioll air an Transvaal. Ach tha sinn a’ cluinntinn gu ’n do tharruinn iad air an ais o chionn ghoirid, air dhaibh a thuigsinn gu robh iad a’ dol tuilleadh us fada air adhart, agus nach cuireadh Breatunn suas leis a’ chòrr. Tha cuid de dhaoine mora New York a’ cur rompa nach bi muinntir nan Stàitean air deireadh air an t-saoghal ann a bhi nochdadh an deagh-ghean do Bhan-righ Victoria ’nuair a chriochnaicheas i an tri ficheadaibh bliadhna de ’rioghachadh. Tha iad air son muillein gu leth dolair a chur cruinn gu bhi air a chur mar thiodhlaic d’a h-ionnsuidh. Ma ni iad sin cha ruig iad a leas eagal a bhi orra nach cuirear gu deagh bhuil e. Comunn Gailig Halifacs. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil soirbheachadh math leis a chomunn so. Tha na coinneamhan air an cumail gu riaghailteach, agus tha na buill a cheart cho riaghailteach ann a bhi ’g am frithealadh. Air oidhche Dior-daoin, an 29mh latha de’n mhios s’a chaidh, thaghail an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair orra, agus rinn e ’m feasgar a chur seachad dhaibh ann an doigh gle thaitneach. Labhair e ann an Gàilig, gu math agus gu fada, agus thug e òraid dhaibh nach cluinnear a leithid na h-uile latha. Thainig e thairis air eachdraidh na Gàilig bho thùs a h-òige, agus shamhlaich e i ri cànainean eile. Chuir e beachd “Lachuinn na Gàilig,” gu’m b’ i a chainnt a bh’ aig Adhamh us Eubh, bun os ceann, agus thug e seachad iomadh reusan air son i bhi air a cumail beò. An dràsda ’sa rithist dh’ aithriseadh e sgeula beag, éibhinn, a chur soluis air na bha e ’g radh, agus chum e na bha ’san talla a’ dian éisdeachd ris fad còrr us uair de thìm. Agus ’s math a b’ fhiach e éisdeachd ris; cha toireadh iadsan a bha lathair an aon oidhch’ ud seachad air son iomadh bliadhna de’n Bheurla. Tha buill a chomuinn gle thaingeil do’n uasal urramach air son na h-òraid thaitnich a thug e dhaibh, agus tha iad an dòchas nach fhada gus am bi e ’na chomas an comain ceudna chur orra rithist. Ceistean Chloinne. Tha e iongantach cho math ’sa theid aig cloinn òg air nithean a reusonachadh a mach ’nan inntinn féin. An àite bhi ’gan cur seachad le freagairt fhaoin a thoirt air ceist sam bith a chuireas iad, ’s fhearr a bhi foighidneach riutha, agus cothrom a thoirt daibh air a fuasgladh air an son féin. Chaidh nighean bheag, aois shia bliadhna, far an robh a seanair, agus thuirt i ris,—“O, nach cluinn sibhse ’n rud a tha Rob (bràthair a h-athar) ag radh.” “’S eadh, a ghraidh,” ars a seanair, “gu de sin.” “Tha e ’g radh,” ars ise, “nach eil anns a’ ghealaich ach mullachag chàise. ’N saol sibhse ’m bheil sin ceart?” “Ma ta, cha ’n eil dòigh a’s fhearr na feuchainn ri sin fhaighinn a mach dhuit fhéin,” ars a ’seanair. “Ciamar a gheibh mise mach e?” ars ise. “Faigh am Biobull, agus faic ciod a chi thu ann,” arsa esan. “Ach càite ’n tòisich mi?” ars an te bheag. “’S an toiseach,” ars a seanair. Shuidh i air cathair, agus thòisich i ri leughadh. Mu ’n d’ fhuair i troimh ’n cheud chaibideal de leabhar Ghenesis, agus a leugh i mu chruthachadh nan reul agus nan ainmhidhean, thainig i far an robh a seanair a rithist. “Fhuair mi e,” ars ise “Cha ’n e caise tha ’sa ghealaich idir, a sheanair, a chionn bha a ghealach air a cruthachadh mu ’n robh an crodh.” Di-ciaduin s’a chaidh bha stoirm mhor shneachda ann an ceann a tuath Shasuinn ’s ann an Alba, agus bha ’n t-side cho fuar ’sa bhiodh i ceud mios a gheamhraidh. STOR UR TAILLEARACHD. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. MacCoinnich & Co. Sidni, C. B. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 349] [Vol. 5. No. 45. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh boirionnach as a rian aig Low Point o chionn ghoirid, agus theich i dh’ an choille. Fhuaireadh a lorgan far an deach i troimh àite bog, ach an deigh sin chailleadh iad, agus cha d’ fhuaireas sgeul oirre fhathast. An deigh do ’n deigh mhoir a bhi stigh ’san acarsaid fad cheithir no choig de lathaichean, chaidh a fuadach a mach mu mheadhon na seachdain so. Thòisich na bàtaichean-aiseig air ruith Di-ciaduin, agus tha sinn an dòchas nach sguir iad tuilleadh gus an cur deigh a’ gheamhraidh s’a tighinn stad orra. Bha teine mor ann am baile New York, air an t-seachdain s’a chaidh, agus an àm a bhi feuchainn ri chur as, chaidh leth-cheud duine a chur o fheum, agus aon fhear a mharbhadh. Bha an ceò cho tiugh ’s cho mairbhteach ’s gu robh na daoine ’tuiteam ’nan dusain. Thatar a’ deanamh a mach gu ’n do loisgeadh fiach leth muillein dolair leis an teine. Chaochail seann chàraid, Iain Graham agus a’ bhean, ann am Maria, faisg air Beaverton, Ont., air an t-seachdain s’a chaidh, an deigh dhaibh a bhi cuideachd tri fichead bliadhna ’sa coig deug. Chaochail an duine oidhche Di-luain, agus a bhean oidhche Di-ciaduin. Bha esan còrr us ceud bliadhna dh’ aois, agus bha ise ceud ’sa, dha. Thatar a’ deanamh a mach gu ’m b’ iad a’ chàraid bu shine bha ’n Canada. Tha dùil aig luchd-riaghlaidh Lunnainn gu ’m bi naodh muilleanan sluaigh anns a’ bhaile air latha Iubili na Ban-righ’nn, agus tha eagal orra ma thachras sgiorradh sam bith gu ’n deanar call uamhasach ’nam measg. Tha ’m barrachd eagail orra leis mar a thachair ann am Paris air an t-seachdain s’a chaidh, agus ann an St. Petersburg aig crùnadh an t-Sàir an uiridh. Tha iad uime sin a’ cur rompa a bhi air am faiceall. Cha ’n fhaod, air an latha sin, eich no carbadan a bhi air an t-sraid idir, agus tha buidheann mhor de mhaoir air an cur a stigh air son riaghailt a chumail air an t-sluagh. Bha ceud ’sa h-aon deug air am marbhadh no air an losgadh gu bàs anns an teine a bh’ ann an Paris a sheachdain gus an Di-mairt s’a chaidh. ’Se bu cheann-aobhair do ’n ghnothuchd mhuladach so lampa a bhrist ’sa chaidh ’na teine. Am measg na chaill am beatha bhan Ban-diùc D’ Alenson, piuthar do Bhan-iompaire Austria, aon de na boirionnaich a b’ uaisle ’s bu mheasaile bha ’san Fhraing. Chuir a bàs mulad mor air muinntir na Roinn-Eòrpa air fad. A bharrachd oirre-se bha moran eile de mhnathan-uaisle a bhaile air an call. Bha am bazaar aig an robh iad ’ga chur air adhart air son airgead a dheanamh gus a riarachahh air na bochdan. Thainig sgeul deireadh na seachdain s’a chaidh air gniomh treun a rinneadh le gill’ òg ann am Michigan. Bha e ’g obair ann am mèinn-ghuail a’ frithealadh do ’n inneal a bhiodh a leigeadh nan daoine sios us suas. Chuir cuid de ’n luchd-obrach bocsa làn dynamite ann an cùil gus am biodh feum ac’ air. Aig meadhon latha chaidh an gille so, do ’n ainm Iain Thomas, a dh’ amharc air a’ bhocsa, agus fhuair e ’na thein ’e. Gun dàil sam bith thug e rabhadh do na daoine bhi fàgail na meinne, chuir e ’n inneal an obair, agus ged a bha ’n dynamite mu fhaisg dheich troighean dha, cha do chairich e as an àite ’san robh e gus an robh na daoine sàbhailte. An sin theich e, agus an taobh a stigh de chairteal mionaid, spraidh an dynamite, a’ cur na h-inneil agus gach ni mu ’n cuairt di ’nan spealgan. Shàbhail an gille am beatha do àireamh mhor dhaoine, agus a’ deanamh sin chuir e a bheatha fhéin gu mor an cunnart. Cha b’e h-uile fear a dheanadh e. Chaidh oifieach Breatunnach agus deich air fhichead nàisinnich a bha ’g obair aige, a mharbhadh le beum-sleibhe anns na h-Innsean air an t-seachdain s’a chaidh. Thatar an deigh roinn mhor curachd a dheanamh ann am Manitoba ’s anns an Iar-Thuath. Ann an cuid a dh’ àiteachan tha ’m fochan air fàs gu math cheana, agus tha ’n aimsir mu thri seachdainean air thoiseach air mar a bha i bliadhnaichean eile. Tha barrachd mor fearainn fo bhàrr ’sa bha ann riamh roimhe. Tha seana-bhean a’ fuireach ann an Oregon a chunnaic, na h-ighinn òig, Blàr Waterloo. Bha i fada uaithe, ach coltach ri Sacheus shreap i suas ann an craoibh, agus chunnaic i ceò agus chual’ i tailmrich an latha mhoir a chur as do chumhachd Bhonipart. Is bana-Pholach i, agus tha i ceud bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois. Rinn deigh nan aimhnichean, an am dhi bhi falbh, call mor ann an cearnan de New Brunswick air an earrach so. Aig Deeside chaill aireamh de na tuathanaich an cuid shaibhlean agus an spréidh a bh’ annta. Chaill aon duine a chuid uile ach ceithir caoraich: chaill fear eile ochd eich, fichead ceann cruidh, agus fiach da mhile dolair de dh’ fhiodh. Bha mor-roinn Chuibeic a’ taghadh pàrlamaid ùr Di-màirt s’a chaidh, mar a rinn mor-roinn Nobha Scotia air an fhicheadaibh latha de ’n mhios s’a chaidh. ’S iad na conservatives a bha riaghladh roimhe so, ach air an turus so bha na liberals air an cur a stigh. Bha leth-cheud sa air dhiubh air an taghadh mu choinneamh aon air fhichead de ’n phàirtidh eile. Chaidh a cheud phòsadh Mormonach a rinneadh riamh an Canada a dheanamh ann an Toronto air an t-seachdain s’a chaidh. Thòisich an t-seirbheis le seinn us ùrnuigh. An sin chuireadh aon cheist an urra air fear ’s air bean na bainnse, ’s air dhaibh a cheist sin a fhreagairt thugadh am fàine air lom, agus an sin bu duine ’s bean iad. Thug an t-abstol earrail ghoirid orra, agus chuireadh crioch air an t-seirbheis le seinn us ùrnuigh. Cha ’n eil ach ùine ghoirid o’n rinn na cùirtean a mach gu robh e laghail do na Mormonaich pòsadh a dheanamh ann an Canada. ’S lionmhor innleachdan mhic an duine. Tha e gle choltach nach teid moran bhliadhnaichean seachad gus am bi innealan-itealaich cho cumanta measg dhaoine ’sa tha carbadan no bàtaichean air an latha ’n diugh. Tha àireamh dhaoine an deigh innealan dhe ’n t-seòrsa sin a dheanamh cheana, agus an la roimhe chuir duine ann an Nashville, an stàit Tennessee, aon air obair leis ’n d’ rinn e astar choig mile deug anns an adhar; rachadh aige air barrachd astair a dheanamh, ach bhrist rud-eigin anns an inneil, agus b’ fheudar dha tilleadh. Cha robh e ach uair gu leth eadar falbh us tilleadh. Chaidh sia duine deug a losgadh gu bàs, ’sa mhaduinn Di-dònaich s’a chaidh, air bòrd soithich a bha ruith eadar New York us Galveston. Bha luchd mor aice air bòrd, am measg nithean eile moran cotain. Mu dha uair ’sa mhaduinn, nuair a bha gach aon air bòrd ’nan cadal ach an luchd-faire, bhrist an teine mach am measg a chotain, agus ghabh e le leithid de neart ’s nach robh doigh air casg a chur air. Bha àireamh mhor de na bh’ air bòrd, anns an steerage; fhuair cuid dhiubh sin teicheadh mu ’n deach an teine ro fhad air adhart, ach bha sia duine deug a bha air an cuartachadh leis an teine mu ’n do dhùisg iad; bha iad air an dùnadh a stigh leis, cha robh dòigh aca fhéin air teicheadh no aig càch air an cuideachadh, agus chaidh an losgadh gus bàs. Fhuaireadh casg a chur air an teine mu dheireadh agus thill an soitheach gu New York. Tha cuid a coireachadh an sgiobair air son cho beag ’sa rinn e gus na daoine shàbhaladh, ach cha ’n eil fhios fhathast co-dhiu tha gus nach eil sin ceart. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Seall an so air an ath sheachdain. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 350] [Vol. 5. No. 45. p. 6] Teaghlach a’ Mhisgeir. Bha Ralph Ros na sheasamh an dorus an t-sabhail, ag amharc thairis air na h-achaidhean far ’n do dh’ obraich e cho cruaidh fad an earraich ’s an t-samhraidh, ri teas ’s ri fuachd, moch us anmoch; dh’ obraich e gu dileas agus gu dòchasach, agus a nise bha e ’dol a chall na dachaidh, oir cha robh dòigh air cùisean a thoirt gu crìch eile. Bha neul dorcha air a ghnùis òig, agus dh’ fhàs e na bu duirche mar a dh’ amhairc e uaithe, agus labhair e ann am boil-inntinn; “Cha chuir mi suas leis idir; an deigh na rinn mi, gach ni fhaicinn a falbh air son na deoch làidir; tha eadhon an t-seann dachaidh ri dhol gu Seumas Ailein air son ruma. Fàgaidh mi an dùthaich ’s leigidh mi leis gach ni falbh.” Chaidh lamh lag a leagadh air a ghuallainn, agus labhair guth muladach: “A Ralph, am fàgadh tu do mhathair agus do pheathraichean beaga a ghiùlan na trioblaid leotha fhéin! An i do dhachaidh an aon ni do ’m bheil gràdh agad? “A mhàthair, tha fhios agaibh nach i. ’S ann air ur sgàth-se ’s air sgàth mo pheathraichean a tha leithid de mheas agam oirre; ach gu de ’s urrain dhomh ’dheanamh ’s an dachaidh cho trom ’s na fiachan, oir tha fhios agaibh gu bheil e ’n deigh na ghabhas faotainn an geall an fhearainn òl cheana, agus creicidh e ’m bàrr an deigh dhuinne obrachadh cho cruaidh g’a thogail; agus ’s ann air eigin a theid againn a bhi beò co-dhiu, gun ghuth a thoirt air ainbhfhiach a phàigheadh. A bharrachd air sin, is leibh-sa am fearann, agus cha’n eil còir aig duine air a thoirt uaibh air son ni sam bith, no idir airson ruma.” “A Ralph, cha teid am fearann a chreic idir. Cha’n eil còir sam bith agam-sa air dachaidh mo chuid cloinne a leigeil air falbh, agus cha mhò na sin a ni mi e. Cha ’n urrainn do d’ athair a chreic gun m’ aonta-sa, agus tha m’ inntinn air a deanamh suas gu ’m bi dachaidh aig mo chloinn fhad ’s is beò iad.” “Ach, a mhàthair, bualaidh e sibh,—agus ma bhuaileas gu cinnteach marbhaidh mis’ esan. Cha sheasainn ri fhaicinn ’g ur bualadh a chaoidh.” “Bi sàmhach! a mhic, O, bi sàmhach! Cha dean math dhut labhairt mar sin mu d’ athair. Cha’n esan a tha feargach no an-iochdmhor rium idir, ach an deoch. B’ àbhaist da a bhi cho caoimhneil agus cho gaolach ruinn, agus cuimhnich gur-a d’athair e, ’s gur còir dhut an urram sin a thoirt da.” “Urram! nuair a tha e ’ga dheanamh feéin na’s isle na na brùidean, agus a’ deanamh droch dhiol oirbh-se, a mhàthair, a bhean a’s fhearr a th’ air thalamh; agus Sine! seallaibh oirre-se—air a cur á cumadh ri beò aige. Agus sibh-se ’g iarraidh orm gràdh agus urram a thoirt da! A mhàthair, tha gràdh us urram agam dhuibh-se o ghrunnd mo chridhe, agus bheir mi umhlachd dhuibh anns gach ni ’an urrainn mi, ach cha’n urrainn domh aona chuid gràdh no urram a thoirt dhà-san.” “Na labhair mar sin, a mhic, tha mi guidh’ ort. Feuch ri bhi foighidneach, agus bi ’g ùrnuigh air a shon gu’m biodh e air a thoirt gu bhi ’na dhuine stuama, ceart a rithist. Cha leig mise leis an dachaidh falbh, agus feumaidh tusa fuireach a thoirt an aire dhomh fhéin ’s do d’ pheathraichean. So Fearchar a tighinn. Tha mi cinnteach gu’n dean mo ghillean aon a cheile chuideachadh, agus gu’n cuidich iad leamsa mar an ceudna.” Bha na deòir ann an sùilean Ralph agus bha ’ghuth car bristeach, nuair a fhreagair e; “Ni sinn mar a’s fhearr is urrainn duinn, a mhàthair, mur bean e dhuibh féin no do’n chloinn, ach ma bheanas—cha dean mi gealladh sam bith. Thiugainn Fhearchair; bitheamaid a’ dol gu ’r n-obair. Tha mise ’nam thàmh tuilleadh is fada mar tha,” agus ghreas iad air falbh, am feadh ’s a shil am màthair gu frasach na deòir a bha i ’cumail air ais fhad ’sa bha na gillean ’na fianuis. Thuit i air a glùinean, agus ré ùine fhada ghuidh i gu dùrachdach gu’m biodh an trioblaid so air a toirt air falbh air sheòl eigin nach cuireadh bròn bu mhotha ’na h-àite. ’Nuair a dh’ éirich i, ged nach robh i faicinn rathad sam bith as an trioblaid, bha i ’faireachadh innte fhéin gu’n deanadh Esan a bha beathachadh ianlaith an adhair cùram a ghabhail dh’ i fhéin ’s de ’cloinn, agus chaidh i air ais gu h-obair a’ làn-earbsa ’na Cruthaidhear, ged a bha a cridhe fhathast trom gu leòr. Bha Ralph Ros a nise ochd bliadhn’ deug a dh’ aois, agus bha Fearchar a bhràthair da bhliadhna na b’ òige na e; bha iad le cheile ’nan gillean tapaidh, calma, agus o chionn còrr us ceithir bliadhna bha iad ag obrachadh an fhearainn leotha fhéin, agus an athair a’ cur seachad na h-ùine gu diomhain, ag òl gach sgillinn air am faigheadh e greim, agus ’nuair nach biodh airgead aige gheibheadh e air chreideas e, gus an robh e nise ’n deigh bristeadh air a shlàinte, agus cho trom anns na fiachan ’s gu robh seann Seumas Ailein an t-Osdair a cur roimhe a chuid fhéin fhaotainn mu’m biodh e ro anmoch; mar sin bha Iain Ros a’ feuchainn ri toirt air a mhnaoi sgriobhadh a thoirt do Sheumas air an àite, agus ’nuair a dhiùlt i sin a dheanamh, bhuail e i, agus mhionnaich e gu’n toireadh i seachad a’ còir air an àite neo gu ’n creanaicheadh i air. (Ri leantuinn.) An Oighreachd a’s Luachmhoire. Bha duin’ uasal àraidh a bha ro uaibhreach mu ’chuid fearainn. Thachair do charaid diadhaidh a bha air aoidheachd ’na thigh, a bhi mach maille ris air mullach àrd, o’n robh sealladh maith aige air an dùthaich mu ’n cuairt. Thòisich e air farsuingeachd na h-oighreachd a leigeil ris da. “Sud,” deir esan, ’s e sìneadh a mach a làimhe, “crìochan mo chuid fearainn-sa; agus seall chum na h-àird ud eile, an léir dhuit na tighean ud? is leams’ am baile sin mar an ceudna: agus tionndaidh do shùil chum na h-àirde so, innis domh am faic thu ’n aitreabh ùr ud a tha iad a’ togail?” “Chì,” deir am fear eile, “gu beachdaidh.” “Buinidh sin dòmhsa cuideachd.” “Amhairc thusa nis,” thubhairt a charaid ris, “mar a stiùras mise do shùil-sa. An leir dhuit am bothan beag ìosal ud aig iomall a’ bhail’ ud thall?” “Is léir gu soilleir; ’dé dheth sin?” “Tha,” deir a charaid, “a chionn gu bheil boirionnach bochd anns a’ bhothan ud, is urrainn barrachd a ràdh mu ’saoibhreas, na thubhairt thusa fhathast.” “An ann da rìreadh a tha thu?” thubhairt esan, “cionnus a dh’ fheudas sin a bhith?” “Tha, chionn gum feud ise a ràdh, Is leamsa Criosd.” Thionndaidh am fear eile air falbh fo nàire, agus cha d’ thug e iomradh tuillidh air farsuingeachd ’oighreachd, am fad ’sa dh’ fhuirich a charaid maille ris. Amhuinn Iordain. Tha atharrachadh mor air tigh’nn air tir Phalestine o chionn beagan bhliadhnaichean. Tha rathad-iaruinn o chionn treis a dh’ ùine eadar Irusalem agus Ioppa, agus a nise tha bàtg-smùide air Amhuinn Iordan, leis am faodar a dhol bho Iericho gu ruige Tiberias—astar tri fichead ’sa deich no ceithir fichead mile—ann an còig uairean a thìm. Ged a bha àireamh mhor a taghal na dùthcha gach bliadhna, agus a toirt dhachaidh shearragan làn de dh’ uisge Iordain, cha robh eòlas sam bith aca air bruachan na h-aimhne. Tha ’n amhuinn a’ ruith ann an clais dhomhainn, a tha eadar 680 us 1200 troigh na ’s isle na ’n cuan-mor, agus tha a bruachan ann an iomadh àite anabarrach cas agus doirbh an ruigheachd. Feudaidh sibh caraid na firinn a chlaoidh agus a shàruchadh, ach mairidh an fhirinn fein gu’n truailleadh. Feudaidh sibh am Bàrd, am fear-eadhlain, agus an Criosduidh irioslachadh gu mor, ach cha’n eil e ’n ’ur comas a’ bhàrdachd, no ealadhain, no ’n Creideamh Criosduidh a mhilleadh, no a mhaslachadh air sheol sam bith. Feudar a radh nach ’eil ann an Gamhlas ach “domblas na seirbhe agus cuibhreach na h-eucarach.” ’Se Gamhlas an toradh a’s seirbhe a dh’ fhàsasas air craoibh a pheacaidh, agus cha ’n urrainn ni sam bith ach teas-ghradh an Ti a’s Airde a smàladh as an anam. Cha’n e ’n rud a bha, an dràst a dh’ fhoghnas. Cha ’n fhacas fear na mnatha ruaidh riamh na bhantraich. Cha ’n fhaod (cha chòir) an cionntach a bhi rosgach. Cha ’n fhiach gille nan car, ’s cha ’n fhiach gille gun char. Duine gun seòl ’s còir a chrochadh. [TD 351] [Vol. 5. No. 45. p. 7] Litir a S. W. Margaree. FHIR MO CHRIDHE,—Tha ’n geamhradh mòr, fada a nise air dol seachad, agus tha toileachadh aig gach creutair ri blàths an t-samhraidh. Cha ’n eil sin na iongantas; oir is mòr am fuasgladh e do gach duine ’us beathach a bha air a chrampadh suas fad na dubhlachd, a nise cead a choise fhaighinn. Tha ’n samhradh mar so a toirt seachad saorsa agus toilinntinn nach eil ao-coltach ri faighinn mar sgaoil á prìosan no ri tilleadh à tir chéin. Ach ’s iomadh fear a chaidh a leigeal a mach as a’ phrìosain, agus b’ fhearr dha ’n dùthaich gu ’n deach a chumail a stigh; a chionn cha luaithe a fhuair e mar sgaoil, na thoisich e a rithist air na sean chleachdanan. Direach mar so a tha ma chuid de bheathaichean na coille agus creutairean eile a fhuair saorsa ri tighinn an t-samhraidh,—am mathan ’s am madadh ruadh thig a nis air lom, seang, acrach, agus cha bheag an call a ni iad an iomadh aite, ’measg nan caorach ’s nan uan; toisichidh na cuileagan air criomadh ar n-aodann ’s air srannraich mu ’r cluasan, agus, gle thric, cha ’n ann leis a’ chainnt a’s fhearr a theid an iomain air falbh.— “Na mathain bhéisdeil, gu’n dean iad éirigh, Dhol feadh an tréud ’s gur a mor an call; ’S a’ chuileag inneach gu socach, puinsionta, ’Ga ’m lot gu lionmhor le roinn a lainn.” Ach a dh’ aindeoin so uile, is math gu ’n d’ thainig an samhradh. Tha ’n deigh mhor air togail a mach bho na cladaichean agus “bliadhna mhath ’na deigh;” thig an t-iasg gu aite far an gabh e glacadh; teannaidh soithichean ri siubhal o phort gu port; gheibh sinn frasan de dh’ uisgeachan blatha, agus bruchdaidh am feur a mach le teis na gréine.— “’Nuair thig an samhradh geugach oirnn, Theid siann nan spéur o’n ghruamaiche, Thig tlus a’s blàths a’s aoibhneas— Theid gach ni g’a reir am buadhalachd. Thig feart le neart na gréin’ oirnn ’Ni ’n saoghal gu leir a chuartachadh; Thig teas o ’slios ’nuair dh’ eireas i ’Ni feum ’s cha tréigear uainne e.” Tha na tuathanaich a nis ’an teas na cuireachd, agus, da rireadh, cha ghnothuch ro dhuilich curachd a dheanamh anns an t-saoghal a th’ ann an diugh. Is ann a bha am miomhagh aig ar n-athraichean ’s aig ar sean-athraichean bho chionn leth cheud ’us tri fichead bliadhna air ais, ’nuair nach robh uidheamnan no innleachdan a b’ fhiach ainmeachadh aca gu reiteach an talmhainn no gu cur fodh an t-sil. Cha b’e obair dhaoine gun treoir a “choille ghruamach” a leagail le droch thuaigh, a cur na teine, agus a’ siol a chuir am falach le tal-fuinn no le sgrioban, agus sin air uairibh ann an ùine gle ghoirid. Cha robh na ceud chroinn-treabhaidh no na ceud chliathan a theann na daoine còire so ri dheanamh cho math idir airson an gnothuich ris na h-uidheaman leis am bi òganaich an lath’ an diugh ag obair gu spaideil. A’ chiad chrann a fhuair Domhnull Bàn ’s e Raghail a rinn e. Dh’ fhaighneach coimhearsnach dheth ciamar a bha e ’g a chòrdadh. Thuirt e gu ’n robh gle mhath,—gu ’n robh e urramach air gearradh! Tha e coltach nach tionndadh e ’n fhoid ach athaiseach, ach bu mhor an gearradh fhein a thoirt á laimh Dhomhnuill bhochd. ’S ioma crann math a rinn Raghail as deigh sin, dha fhein agus do fheadhain eile, agus tha àireamh mhath bhliadhnaichean ann a nis bho ’n a fhuair Domhnull Bàn, coltach ri choimhearsnaich, fear de na croinn chaola, ghuineacha, Ghallda. Do charaide, NIC-NEC. Am Maigh, 4mh la, 1897. Moch-eirigh. “’N am bithinn-sa ’nam righ cha ’n éirinn ’sa mhaduinn gus an tograinn fhéin.” So inntinn iomadh gill’ agus nighean òg a tha leisg air éiridh ’sa mhaduinn, ach tha iad ann am mearachd mhor ma tha iad a’ saoil sinn nach eil na righrean ag éiridh gus an togair iad fhéin. Tha Iompaire na Gearmailt a’ gabhail a bhraiceist a h-uile maduinn romh shia uairean, agus ’san t-samhradh, ’s tric leis sgriob a thoirt a’ marcachd a mach air an dùthaich romh ’n àm sin. Tha Ban-Iompaire Austria ag éiridh aig leth-uair an deigh ceithir, agus an deigh a’ braiceist, tha i coiseachd àireamh mhiltean. Tha Ban-righ na Spainne ag éiridh aig seachd uairean, Ban-righ na h-Eadailte aig sia, agus Righ na Spainne aig sia. Tha Prionnsa Wales air fear de na h-urracha-rioghail a’s leisge air éiridh trath; tha teaghlach-rioghail Bhreatuinn air deireadh air teaghlaichean-rioghail na Roinn-Eòrpa a thaobh moch-éiridh. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co, Mai 4.; ’95 [TD 352] [Vol. 5. No. 45. p. 8] Bas Peathar. Bu trom ar n-osnaidhean, ’s bu phailt ar deòir; Oir b’ ionmhuinn ise ’dh’ fhalbh, s bu ghràdhach leinn. Urail ’n ar cuimhne—ùr mar an là dé, Tha ’n latha Céitein air an d’ fhuair i bàs. Oigridh na Cruitheachd bha gu h-aoibhinn, ait A’ briosgail ann an gathan blàth na gréin’, ’S a’ gealltainn lànachd inbh’: a’s aoibhinn fòs Bha sinne, agus léum an fhnil ’n ar crìdh’ Le aiteas fallain, ’n uair a fhuair sinn sgèul Gu ’n d’ rugadh leanabh: ’s thainig fios a rìs Gu ’n robh an té ’thug breth dha tinn gu bàs. Cia dluth air sàiltean aoibhnis, céuma bròin! M’ an cuairt a leaba thionail sinn gu léir, A’s lùb ar glùn an guidhe dhùrachdaich Ri Cathair Tròcair, a’s le ’r n-urnaighean Chaidh osnan agus deura treibdhireach; Ach ’s ann bha sinn a’ strìth ri aingeal naomh A chumail air an talamh—spiorad deas Chum glòir; a’s Trocair ann a maitheas dhiùlt Ar n-iarrtas faoin: na ’s trocairiche ruinn An uair a’s lugha shaoil sinn! grasmhor fos, Mar ’s tric, ’n uair shaoileas sinn i bhi fo ghruaim! An seomar, a’s an leaba ’s cuimhne leam, Anns an do laidh i, a’s na h-aodainn fòs A chruinnich dlùth a’s muladach m’ an cuairt. A h-athair, a’s a màth’r, a’ cromadh, sheas; ’S a sìos an gruaidhean aosda thuit na deòir Gu lìonmhor, goirt; a’s mar an ceudn’ an sin, Bha a fear-posda gràidh, ’s a braithrean caomh, ’S a peathraichean, a’ caoidh gun chomhfhurtachd; Gach nì ’s an tigh fo mhulad bha ’s fo bhròn. So ’s cuimhne leam gu maith; ach ’s mòr is feàrr Am bheachd, ’s gu bràth cha di-chuimhnichear leam, An t-sùil—an t-sùil a mhàin ’bha soilleir, glan, ’S a dh’ fhàs an soilleireachd mar dhlùth’ch am bàs! Amhuil mar chunnaic mi am flùran séimh Ag amharc na bu ghrìnn’ ’s an aiteal ghréin’ A thilgeadh air troimh nèul dubh tàirneanaich, Gu grad a dh’ iadh a nuas, a bhuail, ’s a sgap Am flùran àillidh, sgiamhach, air an raon. Smèid i an leanabh òg a thabhairt dlùth; A’s chàirich sinn an naoidhean aig a taobh, Dhearc i gu caoin air ’aghaidh, nach d’ rinn gàir’ No gal, ’s nach d’ aithnich co bha ’sealltainn aìr; Leag i a làmh air ’uchd, a’s dh’ aslaich i, Le sealladh drùighteach suidhichte ri nèamh, Do ’n leanabh, beannachdan do-labhairt mor, ’Bheir Dia a mhàin, aig ùrnaigh-bhàis na dream Tha ’fàgail naoidheana ’n an déigh ’s an t-saogh’l. “Dhia gleidh mo leanabh!” chuala sinn i ’g radh, ’S cha chual’ ach sin. Gu dìleas mar a gheall, Sheas Aingeal a’ Chomh-cheangail, deas gu triall ’N a cuideachd troimh Ghleann Dorcha Sgail a’ Bhàis. ’S a nis a sùilean las, ’s cho dealrach dh’ fhàs, Nach b’ urrainn duinne amharc air a gnùis Le ’r sùilean déurach lan: dhùin iad gun néul, Chaidh ’n solus as mar réul na maidne gloin, Nach teid a sìos feadh néula dorch ’s an iar, ’S nach folaichear ’measg ghaillionn garg nan spéur, Ach ’shìolaidheas air falbh an solus nèamh. Eadar. le MAC-MHARCUIS. Oran. Rinneadh an t-òran a leanas le Calum mac Iain ’ic Phàdruig, ann am Beàrntraigh ’s na h-Earradh, do charaide dha tha fuireach ann am Manitoba. Cia mar tha thu ’Dhòmhnuill? Am bheil thu féin gu dòigheil? Am bheil an fheadhainn og Agus Mor uile slàn? ’S maith leinn a bhi feòrach a leithid so an còmhnuidh, Is gach naigheachd bhios ri sheachnadh agaibh anns an ait. ’S iad naigheachd na seann dùthcha A chuireas sinn do ’r n-ionnsuidh; ’Nuair ruigeas iad a null ’S i ’n té ’s uire dhiùbh ’s fhearr: Ged a bheir mi cùnntais air càirdean a tha dluth dhomh, Ruigidh mi ceann thall na h-Earradh ’s theid mi feadh na’m bàgh. Cha bhi mise ’sgriobhadh Aon lide ach an fhirinn, Biodh i searbh na binn, Mar a chi mi ’s gach àit. Bi’dh mo litir cinnteach, ’s na meoirean tha cur innte, ’S iad nach cuireadh thugad facal nach biodh ceart gu bràth. Tha mheud ’sa tha dhe ’d’ chàirdean A’ fuireach ann am Beàrntraigh, Gun uireasbhuidh, gun fhàilinn, Lan tàbhachd a ghnàth: ’S do pheathraichean ’s na bàigh is an teaghlaichean gu stàtail, Cha’n eil beud a tigh’nn na caramh, tha iad fallain slàn. Tha na gillean òg An deigh togail ris an t-seòladh, Is ris na bailtean mòra, Is co ann ach iad! Ach ma bhios iad gòrach gu milleadh an cuid stòrais, Bu cho math bhi aig a bhaile gu bhi dol do ’n tràigh. Ach gillean gasda, ciallach, Fanaidh iad aig riaghailt, ’S cha dean iad cron na miathlachd Gu siorruidh air cach. Faodaidh fear bhi fialuidh, ’s faicilleach mar an ciadna, ’M fear a mhilleas a chuid uile, bidh a’ bhuil sin da. ’S iomadh gille cliuiteach Tha mach aisde, is diùmhlaich, Cha ’n eil, tha mi ’n dùil, A aon dùthaich ni ’s fearr; Cha ’n eil mi dol ’gan cunntadh seach gu bheil iad grunnd ann, Be ’n toileachadh a bhi ga ’m faicinn a tigh’nn dhachaidh slàn. ’Nuair a thig ann euslaint, Lòinidh agus déideadh, Cuiridh e o fheum sinn Le lèireadh ’s le cràdh; Sguiridh sinn a réist a bhi sgriobhadh thun a chèile, Theid na naigheachdan ma seach oirnn gus a dean iad carn. Bi mi ’sa cho-dhùnadh, ’Cuir bheannachd, le deagh dhùrachd, Thugad fein a null ’S gus a giùlan gu càch, Air dhòigh ’s gun toir thu m’ iomradh a dh’ ionnsuidh mo luchd-dùthcha, Innis dhoibh gu bheil mi maireann ’nuair thig iad nad’ dhàil. Thoir beannachd, ’s na dean dearmad, Gu Mor ni’n Dhomh’ll ’ic Thormaid, Bha mi uair a dh’ aithnichinn Mo bhana-charaid ghràidh; Co-dhiu sann moch na anmoch a ruiginn i cha ’n fhalbhainn; Cha robh eis gu bhi air Calum ann an talla ’n àigh. A Dhòmhnuil, ’s mor an caochladh A thainig air an t-saoghal; Cha ’n eil an diugh na daoine Cho faoillidh ’sa bha: ’S tric a bhios mi smaointinn mar chunnaic mi iad aon-uair, Bu choma dhomh c’ait an tachrainn, gheibhinn tlachd is blàths. Cuimhnichidh tu orm ’Nuar a leughas tu mo rannaghail; Bha mi uair dhe m’ aimsir A dh’ aithnichte mo làmh, Ged tha i nís air bhalla-chrith le aois a dh’ fhàgas cearbach. Is lugach cam a h-uile facal mar nach d’ chleachd i tràth. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 353] [Vol. 5. No. 46. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 22, 1897. No 46. Litir o’n Chuairtear. [Fhuair sinn an litir so o chionn corr us mios; chaidh i ann an cuil oirnn, agus cha d’ amais sinn oirre tuilleadh gus air an t-seachdain so. Tha sinn an dochas nach gabh an “Cuairtear” gu h-olc e.] A CHARAID:—O’n sgriobh mi ugad mu dheireadh shiubhail mi astar còrr us leth-cheud mile, eadar Grand River an Siorrachd Richmond agus am Bras d’ Or ann an Siorrachd Victoria, a gabhail troimh Loch Lomond agus am Beighe ’n Ear. Chaidh mi troimh bhancaichean sneachda a bha ann an iomadh àite cho àrd ris na fensichean, agus b’ fheudar dhomh mar an ceudna faotainn thairis air piosan mora de thalamh dubh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodainn. Dh’ innis mi cheana gu robh mi ’sa Bheighe ’n ear: cha robh uiread de pholitics anns an àite sin ’sa bha ann an Grand River, ach bha barrachd mor grip ann; chaidh innse dhomh an dé gu’n do chaochail a dithis leis an tinneas sin. Ann an Loch Lomond chunnaic mi feadhain air an robh mi-fhin ’s tu fhéin [?] an sgoil, a tha ’n diugh ’nan cinn theaghlaichean. Chuir mi oidhche seachad anns an t-seann dachaidh aig Aonghas I. Domhnullach a tha o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean ’na mharsanta ann an Sidni. Mar anns gach àite eile ’s an do shiubhail mi, fhuair mi an sin aoidheachd agus caoimhneas a nochdadh rium nach fhaighear an àite sam bith ach am measg nan Gaidheal. Tha sealladh eireachdail ri fhaicinn o’n aite so; tha e gu math na ’s airde na’n dùthaich mu’n cuairt, air chor ’s gu faic thu cho fad’ sa chi do shuil dhuit. Tha e ’na àite anns am faod thu sealltuinn sios air moran. ’Sann an so a rugadh ’sa dh’ àraicheadh, mar a dh’ ainmìch mi cheana, fear de na marsantan a’s motha ’sa bhaile, agus a bha mar an ceudna ’na àrd-bhàilidh air a bhaile ’s na bhall de phàrlamaid Nobha Scotia. Anns an àite so cuideachd dh’ àiricheadh an Dotair I. L. Peutan am Baddeck, a tha na bhall de’n aràd-phàrlamaid air son siorrachd Victoria; agus an t-Urr. Iain Mac cuthais, D. Ph.; agus an Dotair Siosal, fear de na lighichean a’s fhearr a tha ’n tigh-eiridinn Halifacs. Tha moran eile de sholuis a’s lugha na iad so a thog Loch Lomond gu bhi ’soillseachadh an t-saoghail. ’S iongantach leam fhin, am bòsd ’s ’an fhearas-mhor a gheibhear am measg sluaigh nam bailtean; tha moran dhiubh an dùil, a chionn gu’n d’ rugadh iad anns a’ bhaile, gur e ’s crioch àraidh dhaibh a bhi sealltainn sios orrasan a rugadh air an dùthaich. Ach na’n deanadh an dùthaich a cuid mhac a thoirt as na bailtean, cha bhiodh na bailtean ach mar dhilleachdain; cha’n e mhàin gu’m biodh iad gun athair, gun mhàthair, ach bhiodh iad gun chasan, gun làmhan, agus gun a chuid a’s fhearr de ’n eanchainnean, agus cha bhiodh air fhàgail dhiubh ach am bial. Tha Loch Lomond air a roinn ’na dha no tri de lochainn; theirear ris an aon a’s motha dhiubh, Loch na h-Earradh, ainm a tha gle fhreagarrach, oir cha’n eil ach gann mac no nighean màthar a’ còmhnuidh timchioll oirre ach Earagaich. Tha ’n ath te a dol fo ’n ainm Loch Uidhist, agus cha’n eil duin’ ach Uidhistich timchioll oirre. Mu choig mile deas air sin, tha ’n Loch Beag, ris an canar Loch Chloinn Fhearghais; tha de ’n fhine sin m’a timchioll ’s nach biodh eagal sam bith gu ’n deanadh tu mearachd ged a chuireadh tu failte air gach aon a thachradh ort mar “Mhr Mac Fhearghais,” co-dhiu chunnaic thu e riamh roimhe no nach fhaca. Chuala mi sgial iongantach ann an so—agus tha iad ag innse dhomh nach eil facal bréige innte—mu each a thainig ri bheatha fhéin anns an loch uair-eigin air a’ bhliadhna s’a chaidh. Chaidh duin’ òg aon oidhche a choimhead air a leannan, agus air dha a h-àite-còmhnuidh a ruigheachd, dh’ fhàg e an t-each na sheasamh anns a’ charbad aig ceann an taighe. Ni a bha nàdurra gu leòr, ’nuair a fhuair an gille còir an comunn a rùin, bha an ùine dol seachad gun fhios d’a, ach cha b’e sin do ’n ainmhidh a bha ’na sheasamh a mach. Mu ’dheireadh chaill e fhoighidinn gu buileach am measg gach ni eile bha cur air bha ’m pathadh mor air, agus air son a chasg rinn e direach air an loch. Bha a’ cheann air a chumail suas gu teann le iallan na sréine, air chor ’s nach b’ urrainn d’a cromadh, agus air an aobhar sin choisich e mach gus an robh ’n t-uisge suas gu bhial, ach chaidh e tuilleadh us fada, anns cha do thill e. ’N uair a thug an t-òganach, maighstir an eich, fa-near cho anmoch ’sa bha e air fas, rinn e air son a dhol dhachaidh, ach cha robh sgial air an each no air a’ charbad; bha an t-each air a bhàthadh ’s an carbad an ceangal ris. ’Illean, bheirinn comhairl’ oirbh, ’nuair a theid sibh a shuiriche, feuch gu ’n ceangail sibh ur cuid each mu ’n teid sibh a stigh. ’Nam bithinn-sa ’n ur n-àite, agus nach biodh an t-astar tuilleadh us fada buileach, dh’ fhàgainn an t-each aig an tigh, agus dheanainn an t-astar a choiseachd, oir ’san t-saoghal a th’ ann tha e doirbh do dhuine fhios a bhi aige gu de dh’ fhaodas tachairt. Is mi do charaid, AN CUAIRTEAR. An Gaidheal ’s na h-Orain. Bha oran deas aig a’ Ghaidheal airson gach suidheachadh agus gach am. Cha ’n ioghnadh leinn, uime sin, an uair a chruinnich iad uile a dh’ ionnsaidh a’ bhuird agus a ghreimich gach aon air gach cirb de ’n anart, ged a chluinneamaid duanag ag eirigh, mar a chuala sinn bho Alasdair Mor an uair a chaidh gairm air gu a ghuth a shineadh, mar a leanas— “Teann, teann, teann, a bhodaich, Teann, teann, teann, a bhodaich, Teann, fuirich thall a bhodaich ’S na bi tigh’nn a chogadh orm. “Cha b’e lan a chupain bhraosgaich A chleachd mo chur air an daoraich, Ach na botail ’bhi ga ’n taomadh Air an taobh sin thall d’ an bhord. “Ged bhios cach gu tric toirt beum duinn Chionn bhi ’ghnath cho cridheil eibhinn, Bidh sinn fhathast mar ri cheile ’S piob an gleus leinn mar bu nos.” Ni a tha gle iongantach, is bitheanta a chitear am fior Ghaidheal, an uair is doimhne tha e ann am fearas-chuideachd, gur e sin direach an t-am anns am bruchd gach ni a stigh air ’inntinn a bha na aobhar-mulaid anns na laithean a dh’ fhalbh. Ann an comhlan beag na ceilidh nach ’eil an ceann-teaghlaich aosda a’ cuimhneachadh air a mhac a b’ abhaist a bhi sa’ chuideachd agus a tha ’nis fada air falbh am measg choigreach. An ioghnadh, ma ta, ged a tha Eachann Ruadh, ged nach ’eil e ro mhath air na h-orain, a’ seinn le guth tuchanach, trom, na rannan a sheinn a mhac m’an d’fhag e sealladh a’ bhothain anns an d’ fhuair e arach— “Och nan och na bheil air m’ aire! ’S truagh a nochd na bheil am dhith; Sud e righ, gur mor mo ghaol ort, Ged nach faod mi bhi ga ’inns’. “A bheinn bhreac nan creachann arda ’S tric a sharuich thusa mi; Ach tha mi ’m bliadhna dol ga d’ fhagail— Soiridh slan leat gus an till! “Soiridh leis gach beinn a’s fireach— A bheinn o’m mithich dhomh bhi triall! Guidhean fada feidh ad ghlacaibh; B’e bhi ’n taice riut mo mhiann!” [TD 354] [Vol. 5. No. 46. p. 2] COMHRADH EADER MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. (Air a leantuinn.) M. Cha ’n eil slat astair, a Choinnich, oir tha i air an laidh-chuige, agus cha’n eil i a’ carachadh; ach chum mo sgeoil: ri taobh Neptuin chithear Amphitrite a bhan-righinn fein, na ’suidh air carbad eile, a ta air a tharruing le seisear ghillibh làidir, borb, agus air an sgeadachadh cosmhuil ri luchd-tarruing carbaid a companaich. Cha ’n eil ann an Amphitrite ach fear ann an éudach boirionnaich. Tha sleagh aig a’ bhan-righinn mar an ceudna na ’laimh, agus na h-uchd tha aon de bhalachanaibh na luinge mar naoidhean. Tha banaltrum aig an leanabh sin a tha ’taomadh brochain le ladar-iaruinn na ’bheul. A bhàrr air so, tha moran de luchd-frithealaidh aig Amphitrite, maighdeana-mara, le sgathanaibh, cìribh, bruisibh, agus nithibh eile mar sin, air an siubhal. An uair a bheirear na carbadan chum a’ chaisteil-dheiridh, thig Caiptean na luinge a làthair le fion agus deochaibh eile, chum beatha Neptuin agus Amphitrite altachadh air bòrd. Ann an sin, grad-thilgidh Uachdaran a’ chuain, agus a chéile an sleaghan air an làr, chum mar so ùmhlachd a thoirt do phriomh-fhear na luinge, agus do Bhan-righinn na dùthcha as an d’ thainig e. An sin labhair Neptun, agus thubhairt e, “Thainig mise chur fàilt ortsa, a dheagh Bhreatunnaich, agus chum innseadh dhuit gu ’m bheil mi ro thoilichte d’ fhaicinn an taobh a stigh dhe ’m ’chriochaibh. So agad Amphitrite mo cheile urramach fein, agus so agad mo leanabh gràdhach. Ceadaich dhomh a nis foighneachd air son mo bhancharaid choir Bhictoria, ban-righ Bhreatunn, agus Ban-Iompair nan Innsean, agus air son a cuid mhac agus nighean, ach gu sonruichte air son Diuc Dhuneideann, aig am bheil e mar dhreuchd a bhi ’taoghail a’ chuain.” CAIPTEAN. Dh’ fhàg mise slan, fallain iad uile. NEPTUN. Is taitneach gun teagamh an naigheachd sin leamsa, a Chaiptein chòir, ach cionnas tha ’n teaghlach rioghail air fad eadar bheag agus mhòr? C. Tha iad gu leir na ’n slàinte, agus a nis a’ fàs lionmhor. Cha ’n eil dùil agam, gidheadh, gun sàmhlaichear iad a thaobh maise agus neart, ris an òganach ionmhuinn so agad fein. Cha ’n fhaca mi riamh ar leanabana rioghail fein, ged a fhuair mi a nis an t-urram agus an toilinntinn, mo Righ a’ chuain mhòir fhaicinn ’am luing fein, agus is beothail, sultmhor, tapaidh e, ged is minic tha an leabadh aige fliuch agus fuar d’a rireadh. N. Tha thu sa’ bharail, ma ta, nach eil a’ chlann rioghail agad fein, a ta gu seasgair, sàmhach ’san lùchairt Bhreatunnaich, co tapaidh, tomadach, sultmhor, ris an leanabh-mic so agamsa, nach ’eil fathast ach beagan mhios a dh’ aois, a rugadh am measg nan tonn atmhor, geala, gàireach; agus aig nach eil pàilliun sam bith ach garbh-aigeal a’ chuain ànradhaich? C. Cha ’n eil coimeas eatorra idir air an dòigh sin. Cha bu dual màthar do shliochd rioghail Bhreatunn a bhi mòr, oir is boirionnach beag a’ bhan-righinn againne. N. Ciod a thubhairt thu, a Chaiptein? Ciod? Ban-righinn Bhreatunn na ’boirionnach beag! Am boirionnach a’s mò air an talamh, gidheadh ’ad bharail-sa tha i beag! Smuainich car tiota co i, agus co iad na sinnseara mòra, gaisgeil, cruadalach bho ’n d’ thainig i. B’ eòlach mise air righribh Shasunn agus na h-Alba ré iomadh lìnn, agus b’ iad fein an laochraidh thréun agus chalma. Smuainich air fad, agus léud, agus farsuingeachd nan righeachdan, nan tìrean, agus nan eilean, thairis air am bheil uachdaranachd an diugh aig ban-righ Bhreatunn, agus an abair thu an sin, gu ’m bheil i beag? Cha ’n eil a’ ghrian a’ laidhe air na tìribh thairis air am bheil i a’ riaghladh! Tha i na ’culaidh-fharmaid do chumhachdaibh an domhain, agus na ’cùis-eagail do gach righeachd nàimhdeil. ’N aon fhacal, tha i mòr, mòr! C. Tha fios agam gu ’m bheil i mòr mar bhan-righinn, ach beag mar bhoirionnach. Tha i mòr a thaobh dréachda, ach beag a thaobh pearsaidh. N. Ro cheart, ro cheart, ach, a chaiptein, cha ’n eil ùine ri chall—so ma ta, òlamaid a nis deoch-slàinte teaghlaich rioghail Bhreatunn gu leir, agus gu ’m b’ ann a lionas sliochd nan daoine còire brògan an aithrichean. Sud, sud, suas e, agus guidheamaid, “Beatha shona is bhuan doibh, Slainte bhos agus shuas doibh, Sliochd an sliochd, ’s gach sliochd uathasan, Feadh gach linn gu robh sluaghmhor us mòr!” C. Tha mi fad ad’ chomain, a Righ nan tonn, air son do dheagh rùin do’n righeachd sin d’ am buin mise, agus da riaghlairibh—’s eadh do dheagh rùin a chuir thu an céill co h-ullamh, h-eallamh, deas-chainnteach. N. A nis, a chaiptein, feumar a bhi ’deanamh deas gu dealachadh. Is maiseach gu cinnteach an long so, agus a reir coslais, is gleusda, agus is ealanta an sgioba; ach air leamsa gu ’m bheil mi ’faicinn mòran sluaigh air bòrd nach robh riamh roimhe ’am chriochaibh-sa, agus saoilidh mi nach bu mhisd iad a nis an aghaidhean a nigheadh, agus am feusagan a bhearradh mu’n teid iad thairis air a’ chrios mhòr. C. Tha sin, a Righ Neptuin, gu h-iomlan aig do thoil-sa. N. Is i mo thoil-sa, ma ta, gu’n deanar e, agus sin air ball. Air do Neptun labhairt mar so, buailidh e an clàr-uachdar leis an t-sleagh a ta ’na làimh, a chuireas an long gu h-iomlan air chrith mar gu ’m buailteadh i le beithir dealanaich. An sin, glaodhaidh e ri a luchd-frithealaidh, “Thigibh ’an so, mo ghillean tapaidh, nighibh, glanaibh, agus bearraibh gach mac mathar a ta na ’n coigrich, ach tha mi ’g àithneadh dhuibh a bhi bàigheil riu, agus na deanaibh dochunn air uasal no ìosal. Cha mhothuichear a nis ach cabhag, ùspairn, odhail, agus gleadhraich eagallach thall agus a bhos. Cuid ’an so ag call an treoir trid eagail; cuid eile ’an sud a chunnaic a leithid roimhe, làn toilinntinn leis an fhearas-chuideachd, air doibh a bhi ga ’m faicinn fein tearuinte, agus saor bho gach dolaidh agus trioblaid. Chithear Neptun fein le sealladh àrd agus uaibhreach na ’shuidhe air a’ charbad, ann am meadhon a luchd-frithealaidh! Ach ged is grinn an carbad sin, ann an sùilibh Uachdarain a’ chuain, agus a chuid sheirbhiseach, is suarach e an coimeas ri carbad-cogaidh Chuchullin minc Shéuma, air am bheil Oisean liath nan ceilearan a toirt a’ chunntais oirdheirc a leanas:— “Carbad! carbad, garbh a’ chòmhraig, ’Gluasad thar chòmhnard le bàs; Carbad cuimir, luath, Chuchullin, Sàr-mhac Shéuma nan cruaidh chàs. Tha ’èarr a’ lùbadh sios mar thonn, No ceò mu thom nan carragh géur; Solus chlocha-buadh mu ’n cuairt, Mar chuan mu cathar ’s an oidhche. Dh’ iuthar faileasach an crann. Suidhear ann air cnaimhibh caoin, ’Se tuineas nan sleagh a t’ ann, Nan sgiath, nan lann ’s nan laoch!” Cha bhi Neptun ach a mhàin na ’shuidh air carbad aoin de ghunnachaibh mòra na luinge, ach freagraidh sin fein na bhios r’a dheanamh leis. Air do Neptun a bhi nis air a chuairteachadh leò-san a bhios deas agus deònach gu géill a thoirt d’a iàrrtasaibh, cuirear sios do bhroinn na luinge gach mac màthar nach robh riamh roimh aig crios-meadhon an talmhainn, agus suidhichear freiceadan làidir orra gus an gairmear nios iad aon an deaghaidh aon. An sin theid ballan mòr uidheamachadh, agus bithidh ochd no deich de bharaillean uisge air an taomadh ann. Thairis air beul a’ bhallain so, cuirear sgealb fiodha mar àite-suidh dhaibh-san a tha gu bhi air an glanadh, agus air am bearradh le seirbhisich Neptuin. Air do gach ni a bhi ma so air a dheasachadh, gairmear a nìos as an luing a’ cheud fhear a tha gu bhi air a laimhseachadh leis an luchd-frithealaidh aig righ a’ chuain. Cuirear e na ’shuidh’ os ceann a’ bhallain le faluch air a shùilibh, chum nach faic e ciod a tha gu tachairt ris. Cuirear a’ cheist so air; “C’ait an d’ rugadh e?”—agus co luath ’s a dh’ fhosglas e a bheul chum sin innseadh, sparraidh am bearradair bruis làn tearra, agus iomadh gnè shalachair eile a stigh na ’bheul, agus còmhdaichidh e a ghnùis gu léir leis na nithibh sin a ta e ’gnàthachadh ’an àite siabuinn. An sin glacaidh e an cearcall meirgeach ’na laimh mar ealtuinn, agus sgrìobaidh e gnùis an truaghain a bhios fo ’laimh leis, co cruaidh [TD 355] [Vol. 5. No. 46. p. 3] agus co garbh ’s gu ’n sil a shuilean, agus gu ’m bi a ghruaidh dearg le ’fhuil fein! Aig an àm cheudna dlùthaichidh léigh Neptuin ris an duine bhochd, agus cumaidh e searrag-fàile ri ’shròin, dheth nach bi, gu ’n teagamh, fàile ro chùbhraidh. Agus rud a’s miosa na sin, bithidh an t-searrag làn de bhioraibh co géur ris na snathadaibh, a bheir gu h-ealamh fuil an duine bhochd a mach. An uair a nithear mar so gach droch càramh air le luchd-dreuchd Neptuin, tilgear e a’n coinneamh a’ chìnn ’s a’ bhallan mhor, chum faotuinn as air an doigh a’s fhearr is urrainn da. Nithear an cleas ceudna air gach duine ’s an luing nach robh riamh roimhe sa’ cheàrnaidh sin dhe’n chuan, agus is iongantach an sgiobadh iad an déigh dhaibh a bhi air an tumadh, agus air am béubanachadh co searbh! Chithear iad bog, fliuch, salach, agus comhdaichte le fuil, a’ deanamh spàirne cruaidhe a dh’ fhéuchainn co a’s luaith’ a gheibh iad fein a ghlanadh. Is minic tha aimhreite agus tuasaidean ag éirigh bho na cleasaibh mi-thaitneach so. Tha cuid ann nach strìochd air chor sam bith do ’n droch cleachdadh so, gus an toirear iad a dh’ aindeoin chum a’ bhallain mar a dh’ ainmicheachadh. Tha cuid eil ag ceannachadh saorsa dhaibh fein le deoch agus airgiod a thoirt do sheirbhisich Neptuin—nithe air an dean iad gréim le ’n uile chridhe. C. Ubh! ubh! ubh! a Mhurachaidh, a’ leithid do sgeul cha chuala mi riamh! B’e Neptun fein an gille! Ochan! be ’n diùlnach eagallach e! Gu cinnteach cha bu mhaith leam tuiteam fo spòig, agus gu sònraichte fo spogaibh nan créutair uamhalta sin a tha na ’n luchd-glanaidh agus na ’m bearradairean aige. A ghràidh nam fear, cha ’n eil iad soitheamh. M. ’Nam faiceadh Seònaid thu ’s a’ bhallan mhor air do thumadh, agus air do chòmhdachadh le tearr agus fuil, shaoileadh i nach faiceadh tu gu bràth tuilleadh an Goirtean-Fraoich. Bhiodh do chàramh na bu mhiosa gu mòr na càramh an duineachain sin mu thimchioll an dubhairt bean a ghràidh:— “Na’m biodh agam trudair bodaich, Bhogainn anns an allt e.” C. Cha robh an càramh ion-mhiannaichte, a Mhurachaidh, ach na ’m feuchadh iad mar sin ruim-sa spealgainn na claigeannan aca leis a’ chromaig dhuibh. Uime sin, tha e ’cur iongantais orm cia mar a tha iad a’ cur suas leis an droch dhioladh sin. Tha mi da rireadh, a charaid, oir na ’m buineadh iad mar sin riumsa, cha bu Choinneach Cìobair mi, mar tugainn am bat mu ’n t-sròin dhaibh, agus sin le cabhaig. M. Ma ’s fior thu fein, dheanadh tusa gaisge, a Choinnich, gaisge gun teagamh. Ach ciamar a rachadh agad air seasamh an aghaidh còmhlan oillteil righ a’ chuain mhòir? Na biodh eagal ort, gidheadh, oir ma tha dùil agad dol, uair air bith, a nùll air cearcall-meadhoin an talmhainn, cha ’n eil na cleachdanna so a nis air an ceadachadh air moran de’ na longaibh, agus orra-san air am bheil iad air an ceadachadh, cha ’n fhéudar dol fad air an aghaidh leò. Uime sin na cuireadh Neptun eagal no geilt sam bith air mo dheagh charaid Fear a’ Ghoirtein-Fhraoich. C. Cha chuir e, agus cha ’n fhearr dha, ged a bhiodh an comas aige, ach is dualach nach bi. Tha na bacain a ta ri m’ shailtibh tuilleadh ’s lionmhor agus tuilleadh ’s làidir gu dol fad air astair o’n Ghoirtean-Fhraoich. Feumaidh sinn a bhi riaraichte le ’r crannchar far am bheil sinn. Ach, a charaid mo ghràidh, cha chuirinn suas aon mhionaid leis na cleasaibh aig luchd-frithealaidh Neptuin, oir bhiodh e ge b’ oil le m’ amhaich. M. Tha mi ga ’d dheagh chreidsinn, a charaid, ach na ’m biodh tu an sin, dheanadh iad e ge b’ oil le d’ fhiaclaibh. O cheann beagan bhliadhnaichean, bha duin’-uasal àraidh a’ dol a null air fairge, agus dhiùlt e a shaorsa a cheannachadh, agus mar an ceudna cha strìochdadh e do ’n chleachd sin air an d’ thug mi cunntas. An uair a chunnaic cuideachd Neptuin so, bhris iad a steach do sheòmar an duin’-uasail, shlaod iad leò e dh’ ionnsuidh a’ bhallain mhòir—bhearr agus bhog iad e gu maith ’s gu ro mhath, agus an sin leig iad cead a choise dha. Lìonadh an duine le corruich, tàmailt, agus farran, agus thog e fianuisean air a’ chàramh a dh’ fhuiling e. An uair a ràinig an long ceann a turuis, chaidh e gu lagh ris a’ chaiptean, do bhrigh gu ’n do cheadaich e a leithid de ghiùlan mi-riaghailteach air an lùing aige, agus thug e tri cheud punnd Sasunnach dheth. C. Gle cheart, a ghoistidh, bheirinnsa a mach a’ bhinn cheudna na ’m bu bhreitheamh mi. Cha ’n eil teagamh nach ’eil fearas-chuideachd na ’ni taitneach air cuan-thuras fada, an uair a bhios cuideachd mhor air an druideadh suas ann an luing, agus nach faic iad ni ré iomadh mios ach na speuran os an ceann, agus an cuan mor, farsuing, fosgailte, ceithir-thimchioll orra. Ach an deigh sin uile, cia aca tha daoine air muir no air tìr, bu chòir do gach sùgradh agus cridhealas a ghnàthaichear leò, a bhi air gach seòl gun chron, gun dochunn do dhuine sam bith, agus na ’n nithibh neo-lochdach annta fein, do nach faighear coire le lagh Dhia no dhaoine. M. Tha mise ag aontachadh leis gach lide a labhradh leat, a ghraidh nam fear; ach, a dh’ innseadh na firinn, a Choinnich, tha mi sgith a nis de bhi ’leughadh, labhairt, agus ’g eisdeachd, agus air duitsa a bhi, gun teagamh, an ni ceudna, rachamaid a dh’ fhaicinn am bheil a’ bheag no mhor aig bean-an-tighe a dh’ fhliuchas ar sgòrnain. Tiugainn, ma ta, maille rium-sa, a dh’ fheuchainn ciod a thuiteas oirnn.—ALASDAIR RUADH, ’sa Ghaidheal. Cha lugha na deich muilleinean fichead sluaigh a chaidh a mharbhadh ann an cogadh, o thoiseach na linne so. SGEULACHDAN ARABIANACH. VI. EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. III. An uair a chunnaic na daoine cho fior eireachdail ’s a bha ’n taigh, agus am modh ’s an caoimhneas leis an do ghabh na mnathan-uaisle riutha, ghabh iad barail mhath orra. Mu ’n do shuidh iad, thug iad an aire do ’n phortair. O’n a bha ’n t-aodach a bh’ air coltach ris an aodach a bh’ orra fein, shaoil leotha gur e fear de na daoine nach robh deonach geill a thoirt do ’m beachdan fhein a bh’ ann, agus labhair iad le suarachas uime. Bha am portair eadar a chadal ’s a dhusgadh, agus o’n a bha e car blath le fion, chuir na briathran a labhair iad tamailt air. Sheall e gu gruamach orra, agus thuirt e, le guth garg, “Suidhibh, agus na gabhaibh gnothuch ri ni nach buin duibh. An do leugh sibh an sgriobhadh a bh’ air a’ gheata?” “Dean air do shocair, a dhuine choir,” arsa fear de ’n triuir dhaoine, “cha’n ’eil sinne toileach dragh sam bith a chur ort; an aite sin, tha sinn deonach ni sam bith a dheanamh a dh’ iarras tu oirnn.” An uair a chunnaic na mnathan-uaisle gu ’n robh na fir air thuar a dhol thar a cheile, chaidh iad ’s an eadraiginn, agus chuir iad gu sith iad. An uine ghoirid chuireadh biadh agus deoch de gach seorsa air a’ bhord, agus shuidh an triuir aig a bhiadh, agus bha na mnathan-uaisle ’frithealadh dhaibh. An uair a ghabh na caladairean na thainig riutha de ’n bhiadh ’s de ’n dibh, thuirt iad ris na mnathan-uaisle, gu ’n robh iad toileach ceol a chluich, ma thachir gu ’n robh innealan ciuil anns an taigh. Gun dail sam bith fhuaradh inneal-ciuil do gach fear dhiubh, agus thoisich iad ri cluich comhladh. Sheinn na mnathan-uaisle oran a bha freagarrach air an fhonn a bha na fir a cluich; agus bu mhath a b’ aithne dhaibh sin a dheanamh. Eadsr a h-uile ceol is orain is cridhealas a bh’ aca, bha ’n oidhche a’ dol seachad gun fhios daibh. An uair a bha iad ann am mullach an solais, chualas bualadh aig an dorus. Chuir e ioghnadh orra gu leir gu ’m biodh neach sam bith a’ bualadh aig an dorus cho anmoch sid. Chaidh Safi a dh’ fhaicinn co a bh’ aig an dorus. Co a bh’ ann ach an righ, agus an t-ard-chomhairleach ’s an t-ard-chaillteanach. Bha e mar chleachdadh aig an righ a bhith gu math tric a’ falbh ann an aodach duine chumanta, air feadh a’ bhaile anns an oidhche, feuch cia mar a bha cuisean a’ dol air aghart air feadh a’ bhaile. Air an oidhche so, bha e ni bu traithe na b’ abhaist da, agus an uair a chuala e an ceol agus a’ ghaireachdaich a bh’ anns an taigh an am dha bhith ’dol seachad air an dorus, dh’ iarr e air an ard-chomhairleach bualadh, o’n a bha toil aige fios fhaotainn c’ar son a bha (Air a leantuinn air taobh 358.) [TD 356] [Vol. 5. No. 46. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, MAIGH 22, 1897. Litir o Choinneach Odhar. MU IUBILI NA BAN-RIGH’NN. A CHARAID:—Ceadaichidh sibh dhomh aig an àm so, ged a tha mi cho dripeìl ’s nach urrainn domh litir fhada sgriobhadh ugaibh, beagan fhocal a radh mu choimhead Iubile na Bàn-righ’nn. Tha mheud againne ’sa bhios beo gus an fhicheadaibh latha dhe’n ath mhios ri ni fhaicinn nach fhacas riamh roimhe anns an Iompaireachd Bhreatunnach; ’se sinn urra rioghail an deigh crioch a chur air an tri ficheadaibh bliadhna de riaghladh, agus sin thairis air an Iompaireachd a’s motha chunnaic an saoghal so riamh. Cha’n fhaca ar n-athraichean coimeas an ni so, agus ge be de thachras do na linntean nach d’ rugadh fhathast, cha’n fhaic sinne a leitheid ach an aon uair so, agus uime sin bu chòir dhuinn an cothrom a ghabhail, agus ar dilseachd d’ ar dùthaich ’s ar gràdh d’ ar ban-righ a chur an céill air an latha th’ air a chur air leith leatha fhéin air son sin a dheanamh. Agus ’s ann air an dòigh anns an dean sinn sin a tha mi rùnachadh tigh’nn thairis. Cha’n eil mi dol a thoirt iomradh air an liuthad doigh anus am bheil na daoine beairteach a dol a chur an gàirdeachais an ceill; faodaidh iad sin a dhol gu iomadh greadhnachas agus othail nach air a cheadachadh do’n mhor-shluagh le cion maoin. Tha mi tuigsinn gu bheil latha mor ri bhi agaibh féin ann an Sidni, agus tha fhios gu’m bi sin aca mar an ceudn’ anns na bailtean uile air feadh na h-Iompaireachd, a reìr an comais. Annta sin bidh moran sluaigh cruinn, agus iad fhéin ’s na saighdearan mara ’s tire cho math ris na soar-dhionadairean, a màirdseadh no ri ni sam bith eile leis an deonaich iad an gàirdeachas a nochdadh, agus gach aon a feuchainn ri bàrr a thoirt air gach aon eile ann an sgiamhachd a dheise ’s ann an sgiobaltachd a ghluasaid. Tha romham fhin an latha chur seachad anns an dòigh sin, agus bheirinn a chomhairl’ air gach neach is urrainn deanamh mar an ceudna. Ach ’si ’n dòigh air an robh mi dol a labhairt, dòigh nach cosg a bheag agus a bheir toilinntinn do mhoran, dòigh a tha air a cleachdadh gu mor ann am Breatunn, ’s a bhatar a cur an cleachdadh ann o chionn iomadh linn aig amannan éibhneis, ’se sin a bhi losgadh theinntean. Air feasgar an dara latha fichead de’n ath mhios, cha bhi ach gann cnoc no beinn eadar rudha Cheann-tire an Sasunn agus Taigh Iain Ghròt an ceann a tuath na h-Alba air nach be teine mor a losgadh; agus ’nuair a dhorchaicheas an oidhche, ’s eireachdail an sealladh iad. Carson nach deanamaid an ni ceudna anns an dùthaich so. Cha’n eil ach gann tuathanach an Ceap Breatuinn nach fhaodadh, le beagan saothair, teine briagha dheanamh air a chnoc a’s àirde air a chuid fearainn, agus na’n deanadh iad uile sin, bu bhòidheach an sealladh e, agus dh’ innseadh e do na h-uile aon a chitheadh e gu robh mhiann orra-san a bheothaich na teinntean, urram a chur air a’ bhean-uasal chòir a tha riaghladh os an cionn. Agus ma tha so fior mu Cheap Breatunn, tha e mar an ceudna fior mu Nobha Scotia, Eilean a’ Phrionnsa, Cuibec, Ontario, agus gach cearn eile de Chanada. Cha’n eil teagamh agam idir nach bi moran de na teinntean-éibhnis sin a’ soillseachadh air feadh na dùthcha air an oidhche ud, agus tha mi ’n dòchas nach bi na Gàidheil air deireadh air càch anns a’ chuis. ’S iongantach leam fhin ma bhitheas. Is mi ur caraid, COINNEACH ODHAR. Cha do sguir an cogadh aig na Turcaich ’s na Greugaich fhathast. Ged a tha a’ Ghreig an dràsta ’sa rithist a toirt buaidh ann am blàr, cha’n eil dòigh aic’ air buaidh fhaotainn gu h-iomlan; tha i fhéin a’ faicinn sin cho math ri rioghachdan eile, agus tha i nise ’n deigh a cùis a thogail dh’ ionnsuidh nan rioghachdan mora‘ agus air aontachadh a bhi leagte le ’m breith-san. Tha an Tuirc, air an laimh eile, air fas ladarna leis gach buaidh a tha i faotainn, agus tha na cumhachan-sith bu mhiann leatha sparradh air a Ghréig buileach neo-reusanta; ach ’se ’s coltaiche nach leig na rioghachdan mora leatha ana-ceartas sam bith a dheanamh. ’Se ’n ni a’s miosa mu’n chùis nach eil na rioghachdan mora aon-ghuthach ’nam measg fhéin a thaobh ciod is còir a dheanamh; ’se sin gu mor a’s cunnartaiche do ’n Roinn-Eorpa na ’n cogadh beag so, oir ma theid iad troimhe-cheile, bidh an cogadh a thòsichicheas eatorra ’na chogadh uamhasach. Chaidh tigh na theine ann an St. Andrews, N. S., oidhche Di-màirt s’a chaidh, agus bha dithis nighean a bha còmhnuidh ann, Flòiri agus Peigidh Nic-Ille-Mhaoil, air an losgadh gu bàs. Cha’n eil fhios ciamar a thòisich an teine. Bha bràthair dhaibh air fhaotainn ann an Rossland, B. C., ’sa gheamhradh s’a chaidh, air a reothadh gu bàs. Bha piuthar aca a bha fuireach còmhla riutha, ach gu fortanach, cha robh i aig an tigh an oidhch’ ud, agus mar sin ghleidh i a beatha. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitcheil, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 357] [Vol. 5. No. 46. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha pàrlamaid Eilean a Phrionnsa air a sgaoileadh, agus a’s t-fhoghar nuair a bhios a bhuain seachad, agus na tuathanaich air an socair, bithear a’ taghadh pàrlamaid ùr. Thug Reuben Camaran, ann a Westville, N. S., ionnsuidh air e-fhéin a chrochadh air an t-seachdain s’a chaidh, ach chaidh fhaotainn an àm, agus fhuaireadh a thoirt uige. Bha inntinn air a dhol air aimhreit le gaol, ma ’s fior an sgeul. Tha soitheach a mhuinntir an Eiiein a stigh air an t-seachdain so le luchd feòir, sil, us buntàta. Tha ’m buntata faotainn pris na ’s fhearr na bha e o chionn àireamh bhliadhnaichean—leth-dolair am buiseal; ’se cho gann ’sa bha e air an fhoghar ’sa chaidh is coireach ri sin. Cha ’n eil iasgach an sgadaìn ’s an truisg ach fad air ais gu ruige so; ach tha iasgach nan giomach a’ gealltuinn a bhi gle mhath ma bhios an t-side idir fàbharach. Tha na giomaich gu math pailt, agus tha ’n luchd-iasgaich moran na ’s pailte na bha iad bliadhna sam bith roimhe so. Thug an soitheach-seòlaidh ùr, F. A. Palmer, air an d’ thug sinn iomradh roimhe, luchd tri mile ’s tri cheud tunna de ghual á Louisburg gu ruige Boston air an t-seachdain s’a chaidh. ’S e an luchd bu mhotha ràinig Boston riamh ann an soitheach-seolaidh. Rinn i an turus ann an tri latha. Tha an t-side fuireach fuar gu leòr, agus tha ’n t-uisge sileadh gu math tric. Cha ’n eil na tuathanaich a’ faotainn air adhart ro mhath leis a’ churachd leis cho tais ’s a tha ’n talamh. Tha am fiar a fàs gu math, ach cha bhi adhartas mor air fochann gus an tig tuilleadh blàiths. Bha reothadh ann oidhche Di-ciaduin. Tha cruinneachadh gu bhi aig Comunn nan Daoin’ Oga (Y. M. C. A.) anns a’ bhaile so Diluain. Tha daoine ri bhi ann as gach àite dhe ’n t-siorrachd ’sam bheil meur dhe ’n chomunn, agus tha dùil ri coinneamh mhor a bhi aca. Tha coinneamh gu bhi aig Comunn na Sgoil Shàbaid ann an Glace Bay, Di-màirt. Chaidh muc-mhara mhor suas troimh lochan a Bhras d’ Oir air an t-seachdain s’a chaidh. Chunnacas i le moran ach bha coltas cho garg oirre ’s nach miontraigeadh iad a dhol na còir. Bha iad dhe ’n bharail aig an àm gu ’m bu mhath a chomhairle, “An rud nach buin duit, na bean da,” agus leig iad leatha dhol mu chùl a gnothuich. Tha aon de na soithichean mora smùide a bhios a ruith a null ’sa nall air an Atlantic, d’ an ainm an Arcadia, air tir aig Cape Ray air cladach Newfoundland. Is soitheach Gearmailteach i, agus bha i air aon de na soithichean bu bhriagha thainig riamh gu Montreal. Bha i air a turus a null as a’ phort sin, agus i luchdaichte le gràn, a chuid bu mhotha dheth á Canada. Chaidh i air tir ’sa mhaduinn Di-dònaich ann an ceò trom, agus thòisich i air lionadh le uisge. Bhatar a tilgeadh an luchd thairis feuch an gabhadh i sàbhaladh, ach cha ’n eil fhios fhathast co-dhiu ghabhas no nach gabh sin deanamh. Air taobh deas a Bheigha ’n Ear, a sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh, chaochail Domhnull Mac Gilleain, duine air an robh deagh eòlas air feadh na siorrachd air fad, leth-cheud bliadhna s’a sia a dh’ aois. Bhuaileadh e leis a ghrip ’sa gheamhradh ’sa chaidh agus dh’ oibrich e air gus an d’ thug e fiabhrus eanchainn air, tinneas a dh’ aobharaich a bhàs. ’N uair a bha Comhairle na siorrachd air a cur air chois an toiseach bha Mr. Mac Gilleain air a thaghadh air son sgireachd a Bheighe ’n Ear, agus bha e ’san dreuchd sin gu àm a bhàis. Bha e mar an ceudna ’na cheannsuidhe air a’ chomhairle àireamh bhliadhnaichean. Dh’ fhàg e bantrach us aon duine cloinne. ’S e Di-luain co-ainm latha breith na banrigh’nn. Tha an latha ri bhi air a chumail mar is àbhaist. Bidh na taighean-gnothuich uile air an dùnadh, agus bidh gach duine a gabhail latha saor dha fhéin. Bha còmhstri mhor a’ dol air adhart ann an Toronto o chionn ghoirid a thaobh charbadan-sràide, am bu chòir no nach bu chòir a bhi ’g an ruith air an t-Sàbaid. Air an t-seachdain s’a chaidh bha a chùis air a chur air beulaobh sluaigh a bhaile, agus Di-satharna bha ’n taghadh aca. Chaidh 32,387 bhòt a thoirt seachad air fad, 16,433 air son, agus 15,953 an aghaidh a bhi ’g an ruith air Di-dònaich. Iadsan a Phaigh. Seumas Mac Neill, Amaguadus Pond. D. T. Domhnullach, Mabou. Iain Gillios, Sidni. D. I. Mac Leoid, Sidni. T. C. Harold, Sidni. Iain Gunn Mac Guaire, Loch Ban. Ceit Nic Fhionghain, Kirkwood Gilleasbuig Mac-a-Phearsain, Glace Bay. D C Domhnullach, Birch Grove Donnacha R Mac Rath, S S Boulardarie Uilleam Patterson, Fork ’s Shidni Donnacha Gillios, Sea Side P O 75c Iain Mac Ille-mhaoil, Hawthorne, 25c Iain A Mac Ille-mhaoil, Hawthorne, 25c Mairi Nic-an-t-Saoir, Shenacadie, 25c Aonghas G Domhnullach, S W Margaree, 25c Aonghas Domhnullach, Boulardarie, 25c Mor Nic-a-Bhiocair, Ware, Mass., A B Mac Leoid, South Plymouth, Mass., $3.00 Aonghas Gillios, Beaver, Wash. I D Mac Phàrlain, Knappa, Oregon. Iain Mac Ille-mhaoil, Cincinnati, O. Donnacha Mac-an-Leigh, Portsmouth, O. Iain L Brower, New York Bean Dhomhnuill ’Ic Fhionghain, Moreton, N. Dak. Iain Mac Phaidein, Oak Bank, Man. Aonghas E Moireastan, Marsboro, Que. $3.00 Padruig L Mac Iomhair, Tolsta, Que. Domhnull D Mac Leoid, Milan, Que. Raonull Domhnullach, Arochar, Assa. 25c An t-Easbuig Domhnullach, Alexandria, Ont. $2. Dr. Domhnull Mac Dhiarmaid, Maxville, Ont. Eoghan Mac Eoghain, Maxville, Ont. Anna P Lamont, Tiverton, Ont. 25c Am Breitheamh Mac Isaic, Antigonish, N S $2.00 Iain I Siosal, Pictou, N S Iain Mac Gilleain, Gleann-a-bhaird, N S Iain R Caimbeul, Halifacs, N S 50c Mairi M Nic-a-Phearsain, Allt Mhic Ara, 25c S M Màrtuinn, Heatherdale, E. P. I. Aonghas Bruce, Grand View, E. P. I. Alasdair D Mac Leoid, Kinross, E. P. I. Iain Mac Calamain, Point Prim, E. P. I. Iain Caimbeul, Beinn Mhic Mhannain, E. P. I. BAS. Air a cheathramh latha fichead de ’n Mhàrt, chaochail ann an Gleann Sandfield, an Ontario, Iain Mac ’Ille-mhaoil, fear de na daoine bu shine ’s bu mheasaile ’s an sgireachd; bha e ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois. Rugadh Mr. Mac ’Ille-mhaoil ann an Cinntàile, an sgireachd Ghlinn-Shiel, ann an siorrachd Rois, anns a’ bhliadhna 1816; thainig e air imrich do Chanada ’sa bhliadhna 1841, maille ri ’athair ’s ri ’mhàthair, dithis pheathraichean us triùir bhràithrean. Bha e ’na dhuine còir, caoimhneil, a bha ’n còmhnuidh deiseil gu lamh chuideachaidh a thoirt do neach a bhiodh feumach. Dh’ fhàg e ’na dheigh, bantrach, mac agus nighean; bha sianar de ’theaghlach air an gairm dhachaidh roimhe fhéin. Ni a bha gle iongantach a thaobh Mhr. Mhic Ille-mhaoil, ged a rainig e aois cho mor, bha e làn chomasach air leughadh gun ghlaineachan, agus bha e tùrail, tuigseach, agus na dheagh shlainte gus mu dha sheachdain mu ’n do chnochail e, ’nuair a bhuail an grip e, tinneas a dh’ obraich air gus an d’ thug e a bhàs. Bhuineadh e do ’n Eaglais Chléirich d’ an robh mor ghradh aige, agus anns an robh e gle mheasail.—Com. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Seall an so air an ath sheachdain. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 358] [Vol. 5. No. 46. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 355.) muinntir an taighe cho mear agus cho aoibhneach. Thuirt an t-ard-chomhairleach ris nach robh anns an taigh ach mnathan, agus gu ’n robh iad ri spors ’s ri feala-dha mar a bha e nadarra dhaibh a dheanamh; agus o’n a bha ’chuis coltach gu ’n do ghabh iad deur beag a bharrachd de ’n fhion air na bu choir dhaibh a ghabhail, gu’ m b’ fhearr leigeadh leotha gu ’n dragh sam bith a chur orra. A bharrach air sin, o nach robh an uair mi-iomchuidh, nach bu choir stad a chur air a’ chridhealas a bh’ aca. Thuirt an righ gu ’m buaileadh iad aig an dorus. An uair a dh’ fhosgail Safi an dorus, thug an t-ard-chomhairleach an aire gu ’n robh i na boirionnach anabarrach briagha, agus air ghaol cead fhaighinn dhol a steach, rinn e umhlachd dhi, agus thuirt e, “Is triuir mharsantan sinn a thainig a Mosul. Thainig sinn do’n bhaile so o chionn deich latha le moran de bhathar luachmhor. Fhuair sinn cuireadh o aon do mharsantan a’ bhaile gus a dhol gu cuirm comhladh ris feasgar an diugh; agus bha am biadh ’s an deoch pailt, agus chuireadh fios air luchd-ciuil ’s air dannsairean, a chum an tuilleadh a chur ri ar toil-inntinn. Leis a h-uile gleadhraich is straidhlich a bh’ againn, chuir luchd-riaghlaidh a’ bhaile maoir g’ ar glacadh; ach gu fortanach thug sinne ar casan as gun fhios daibh. A nis, o nach ’eil annainn ach coigrich, agus sinn rud eiginn blath le fion, tha eagal oirnn gu ’n tachair na maoir oirnn mu ’m faigh sinn a dh’ ionnsuidh an aite anns am bheil sinn a fuireach. An uair a bha sinn a’ dol seachad air an taigh so, chuala sinn fuaim a’ chiuil, agus smaoinich sinn, o’n a bha sibh gun dol a laidhe, gu ’m bu choir dhuinn bualadh aig an dorus, gun fhios nach leigeadh sibh leinn an oidhche a chur seachad fo fhasgadh an taighe. Ma tha sibh a’ smaoineachadh gu’m bheil sinn airidh air cuideachd a chumail ribh re na h-oidhche, bidh sinn cho modhail ’s cho iomchuidh ri daoine a chunnaic sibh riamh, agus ni sinn fearas-chuideachd agus cridhealas nach toir oilbheum sam bith dhuibh. Ach mur ’eil sibh deonach fasgadh an taighe a thoirt dhuinn, bidh sinn toilichte le fasgadh an fhor-dhoruis.” An uair a bha ’n t-ard-chomhairleach a’ labhairt nam briathran so, bha Safi ag eisdeachd le ro-aire, agus ag amharc gu geur ann an aghaidhean nan triuir dhaoine. Thuirt i riutha nach b’ i bean an taighe idir, agus, air an aobhar sin, nach faodadh i an leigeadh a steach. Ach nam fanadh iad tiotadh beag far an robh iad, gu ’n tigeadh i le fios do’n ionnsuidh am faigheadh iad a steach. Thill Safi do ’n t-seomar far an robh a peathraichean, agus dh’ innis i dhaibh na briathran a thuirt an duine rithe aig an dorus. Cha robh fhios aca an toiseach ciod a dheanadh iad; ach o’n a bha iad gu nadarra gle chaoimhneil, smaointich iad gu ’m b’ fhearr dhaibh na daoine a leigeadh a steach, agus cuid na h-oidhche a thoirt dhaibh. An uair a chaidh iad a steach do ’n t-seomar, chuir iad failte air na mnathan-uaisle a bha stigh rompa, agus mar an ceudna, air an triuir Chaladairean. Bha na mnathan-uaisle modhail, caoimhneil riutha, agus iad an duil gur triuir mharsantan a bh’ annta. Thuirt Sobaìde riutha, agus i ’labhairt gu ciuinn, siobhalta, “Is e bhur beatha an oidhche a chur seachad an so. Ach mu ’n abair mi an corr ribh, tha mi an dochas nach gabh sibh gu h-olc e, ma dh’ iarras mi aon fhabhar oirbh.” “Ochan! ciod e am fabhar a tha sibh ag iarraidh? Cha dhiult sinne fabhar sam bith a dh’ iarras bhur leithide-sa de mhnathan uaisle oirnn,” ars’ an t-ard-chomhairleach. Thuirt Sobaide ris, “Tha mi ag iarraidh a dh’ fhabhar oirbh, nach abair sibh aon fhacal mu dheidhinn ni sam bith a chi sibh, agus nach cuir sibh ceist sam bith oirnn mu thimchioli aon ni a chi no a chluinneas sibh fhad ’s a bhios sibh an so; no, ma chuireas, cluinnidh sibh nithean nach cord ribh air chor sam bith.” “A bhean mo ruin,” ars’ an t-ard-chomhairleach, ni sinne mar a tha sibh ag iarraidh oirnn. Cha ’n eil sinn aon chuid math gu beum fhaotainn do dhaoine eile; agus cha mho a tha toil againn a bhi farraid mu nithean nach buin duinn. Tha sinn riaraichte gu leor le bhith ’gabhail beachd air gach ni a bhuinneas do ar gnothach fhein, gun ghuth a thoirt air nithean a bhuinneas do dhaoine eile.” An uair a chuala iad so, shuidh iad uile mu ’n bhord, agus dh’ ol iad deoch-slainte na feadhnach a thainig mu dheireadh. Am feadh a bha ’n t-ard-chomhairleach a’ cumail nam mnathan-uaisle ann an seanchas, cha b’ urrainn àn righ gun bheachd sonraichte a ghabhail air cho maiseach ’s a bha na mnathan-uaisle; air cho iomchuidh ’s a bha iad nan gluasad, air cho geur-chuiseach, tlachdmhor, ’s a bha iad ’nan comhradh. Air an laimh eile, bha ioghnadh anabarrach air, a chionn gu ’n robh an t-suil dheas cam aig an triuir Chaladairean. Ged bu mhath leis fios fhaotainn cia mar a chaill iad an leth shuil ’nan triuir, cha ’n fhaodadh e fios an aobhair fhaighneachd, o’n a gheall e fhein ’s a dhithis chompanach nach cuireadh iad ceisd mu thimchioll ni sam bith fhad ’s a bhiodh iad ’s an taigh. Bha ’n taigh ’s an t-ordugh maiseach anns an robh gach ni a bha ’n taobh a staigh de ’n dorus, a toirt air a bhi ’smaointean gur ann a bha e ann an taigh a bha fo dhruidheachd. An uair a bha iad a’ comhradh mu thimchioll gach doigh anns am faoidteadh spors agus fearas-chuideachd a dheanamh, dh’ eirich na caladairean thun an urlair, agus thoisich iad ri dannsa. Chord an seol dannsa a bh’ aca araon ris na mnathan-uaisle, agu ris an righ ’s ri chompanaich. An uair a bha iad sgith dannsa, shuidh iad. An sin dh’ eirich Sobaide, agus rug i air laimh air Aimini, agus thuirt i rithe, “Eirich, a phiuthar, oir cha ghabh a’ chuideachd gu h-olc e, ged a ghnathaicheamaid ar saorsa ’n ar taigh fhein mar a b’ abhaist duinn, agus ged a dheanamaid ar dleasdanas mar a chleachd sinn.” Thuig Aimini gu math ciod a bha a piuthar a’ ciallachadh. Dh’ eirich i as an aite an robh i ’na suidhe, agus thug i air falbh na soithichean a bh’ air a’ bhord, agus na h-innealan-ciuil air an robh na caladairean a’ cluich. Thoisich Safi ri sguabadh an t-seomair, agus ri cur gach ni ’na aite fhein gu h-ordail. Chuir i na soluis air doigh, agus thug i air an triuir chaladairean suidhe air an dara taobh de ’n t-seomar, agus thug i air an righ ’s air a chompanaich suidhe air an taobh eile. Thuirt i ris a phortair, “Faigh thu fhein deiseil a chum gu ’n tugadh tu cuideachadh dhuinn. O ’n a bhuineas tusa do ’n teaghlach, cha ’n fhaod thu bhith ’nad thamh.” Dh’ eirich am portair cho luath ’s a bh’ aige; thruis e a mhuilchionnan, agus thuirt e, “Tha mise deas gu ni sam bith a dheanamh a dh’ iarras sibh orm.” “Ceart gu leor,” arsa Safi, “Seas far am bheil thu gus am faigh thu ordugh; cha bhi thu fada ’na do thamh.” Chuir Aimini cathair air meadhon an urlair; agus an sin chaidh i steach do chlosaid. Smeid i air a’ phortair, agus thuirt i ris, “Trobhad an so, agus cuidich mi. Chaidh e do ’n chlosaid, agus an ceann tiotadh thill e do ’n t-seomar, agus da ghallaidh dhuibh aige air lomhainn. Bha iad cho similidh ’nan coltas ’s ged a bhiodhte an deis gabhail orra le slait. Dh’ eirich Sobaide as an aite an robh i na suidhe, agus ghabh i ceum no dha far an robh am portair ’na sheasamh. Tharruing i osna throm, agus thuirt i, “Trobhad agus deanamaid ar dleasdanas.” Thruis i a muilchionnan as cionn a h-uillean, agus rug i air slait a lamh Safi. Thuirt i ris a phortair, “Thoir te de na gallaichean do m’ phiuthar Aimini, agus thoir dhomhsa an te eile.” (Ri leantuinn.) An t-Urr. Aonghas Mac Coinnich, Mhoidh. UGHDAR “EACHDRAIDH NA H-ALBA.” Cha ’n fhaca sinn fathast iomradh sam bith air a dheanamh air bàs an deadh sgoileir Ghàilig so ann an Mìosachan Beurla ar n-Eaglais. Cha ’n fhuirich sinn na ’s fhaide gun clach a chur an càrn ar caraid. Bithidh mu ’n cuairt air ceithir fichead bliadhna o’n a rugadh Aonghas Mac Coinnich ann an Eilein an Fhraoich, Leòdhais. Cosmhuil ri iomadh òganach tapaidh eile, rùnaich Aonghas a bhi ’n a mhinisteir. Le strith chruaidh agus le dioras duineil chrìochnaich e ’fhòghlum air son na ministreileachd. ’S e aon de na h-àitean ’s an robh Mr. Mac Coinnich car tacan ’n a mhaighstir-sgoil, Port-na-h-aimhne ’s an [TD 359] [Vol. 5. No. 46. p. 7] Eilein Ileach. Ann an àm iomchuidh fhuair e cead an Soisgeul a shearmonachadh. Ach ged a shaoithrich e car ùine ann an iomadh coimhthional a bha bàn, cha d’ fhuair e riamh gairm o choimhthional, gus an do roghnuich Mòidh e, an uair a bha e a’ bruachaireachd air coig deug agus tri fichead (75) bliadhna a dh’ aois. Chuir so ioghnadh air moran, oir aig an aois so, is gle tric a tha ministeir a’ leigeadh dheth cùram coimhthionail. Ged nach d’ fhuair Mr Mac Coinnich gairm gus a so, is iomadh fear a fhuair gairm nach tigeadh ann an uisge na stiùrach dha. Bha e ’n a dhuine òrdail, tapaidh, cliùiteach. Theagamh gu ’n robh e grad ’n a nàdur, neonach ’n a dhoigh, agus cosmhuil ri iomadh sgoileir aonaranach, aineolach air dòighean a chuireadh saod air daoine. Bitheadh na nithean so mar a dh’ fheudas iad; ach rinn Mr Mac Coinnich obair mhaith a bhitheas ’na carragh-cuimhneachain air, an uair nach bi iomradh air feadhainn a bu luaithe theirteadh ’n a e. Cha ’n eil fhios againn ciod na duileadasan a bha aig ar gineadair Iaphet, roimh ’n dìle ruaidh, an uair a bha e ag iarraidh mnatha; ach tha fhios againn, gu ’n robh iomadh cnap-starra ’n an rathad air Mr Mac Coinnich, an uair a rainig e Glascho ’s a’ bhliadhna 1867, an tòir air clò-bhualadh. Chuir e cuairt air iomadh clò-bhuailteir, a ghabhadh as laimh a leabhar a chlò-bhualadh. Chuir e cuairt air iomadh clò-bhuailteir ann an Glascho mor na stìobull; ach feudar a thuigsinn ciod a theireadh daoine geur chuiseach ri ùghdar aig nach robh ainm’ sam bith ann an litreachas, le làimh fhalamh, agus le a leabhar air a sgrìobhadh air criomagan de phaipeir, ann an làmh-sgriobhaidh a bha gu dearbh faisge air a bhi do-leughaidh. ’San éigin so rainig Mr MacCoinnich an Gàidheal dìleas, teò-chridheach, Mr Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, nach maireann, a bha fad iomadh bliadhna ’n a chlò-bhuailteir ann an 62 Sràid Earraghàidheil, ann an Glascho. Dh’ innis an t-ùghdar a dhuileadas do ’n chlò-bhuailtear. Dh’ éisd an clò-bhuailtear le ro aire ri sgeul éigeannach an ùghdair. O a ghràdh do Ghàidheil agus do ’n Ghàilig, ghabh e an obair as làimh, agus thug e aoidheachd ’n a thigh féin fad àireamh mhìosan do ’n ùghdar. Air dhuinn féin a bhi a’ frithealadh Oil-thigh Ghlascho aig an àm so, chunnaic sinn tric an t-ùghdar, agus a làmh-sgriobhaidh chùbach, dhuilich a leughadh. Tha e air innseadh an uair a bha ’n Dr. Chalmers ’n a ghille òg ’s an Oilthigh, gu ’n robh na litrichean a chuir e’g a phàrantan, cho duilich an leughadh, gus an do ghléidh ’athair iad gu ’bhi air an leughadh leis féin, an uair a thigeadh e dhachaidh! De ’n ghnè so bha sgriobhadh ùghdar Eachdraidh Ghàilig na h-Alba. B’e an leabhar so a chuir an eagaibh a chéile, a’ cheud obair a thug ’athair do Ghilleasbuig òg Mac-na-Ceardadh, agus gun ann aig an àm so ach balachan beag a’ tòiseachadh air clò-bhualadh Gàilig fhòghluim. Ach rinn an obair so a’ Ghàilig a dheineadh ’na chuimhne agus ’na cheann, gus am bheil e a nis ’n a bhreitheamh comasach air an dòigh anns an còir de ’n Ghàilig a bhi air a sgriobhadh agus air a clò-bhualadh. ’S e Mr MacCoinnich a’ cheud ùghdar a thug dhuinn Eachdraidh na h-Alba ann an cànain bhinn bhlasda ar màthar. ’S e an t-ainm a thug an t-ùghdar d’a obair, “Eachdraidh na h-Alba, anns am bheil geàrr-iomradh air na nithibh is cudthromaich’ a thachair ’s an Rioghachd, o na ceud linnibh, gu meadhon an naoidheamh linn deug.” Tha ’n t-ùghdar ag radh gu cuimir, snasmhor anns an Roimhràdh, “Bha trì nithe àraidh air an cumail ’s an amharc ann an sgrìobhadh na h-Eachdraidh so, a bha mar shnàthainn-riaghailt air gach mìr fa leth dhi mar a bha i dol air aghart. 1. I bhi fìrinneach. 2. I bhi goirid. 3. Uiread ’s a ghabhadh deanamh a bhi air a dheinneadh innte.” A chrioch so ghiùlain an t-ùghdar a mach gu seadhail, riaghailteach. ’S an Eachdraidh so, nochd Mr Mac Coinnich deadh bhreithneachadh ann a bhi a’ fasgnadh an t-sìl as a’ mholl, agus a’ toirt duinn anns a’ ghiorrachadh so air Eachdraidh na h-Alba, cunntas fìrinneach, agus soilleir, air fàs, agus air soirbheachadh ar Rìoghachd, còmhla ri euchdan gaisgeil ar sinnsearachd. Tha ’n leabhar so air a sgriobhadh ann an Gàilig ro chothromach, tha na facail air an litreachadh gu ceart, agus air an cuir an altaibh a chéile, a réir rian agus cruth na Gàilig. O Ghàilig an leabhar so, bhitheadh e duilich fhaighinn a mach, gu dé an cearn d’ ar tìr d’ am buineadh an t-ùghdar. Tha Gàilig an leabhair so, ann an tomhas mor, air a co-chumadh ri Gàilig a’ Bhìobuill. A réir ar beachd-ne, a mach o na Sgriobtuirean, ’se so aon de na leabhraichean a’s cothromaiche a tha air a sgrìobhadh agus air a chlò-bhualadh, a tha againn ann an seana chainnt nan Gàidheal. Chaochail Mr MacCoinnich ’n a thigh féin ann an Steòrnabhagh air a’ chòigeamh latha fichead de Dhesember ’s a’ bhliadhna 1896. Mar chuimhneachan air, sgriobh Cléir Inbhirneis ’n a mionaidean na briathran a leanas:—“Chuala a’ Chléir le mòr bhròn gu ’n do chaochail Mr MacCoinnich, Ministeir Mhòidh, air a’ choigeamh latha fichead de Dhesember. Chaochail Mr MacCoinnich ann an tìr a dhùthchais ann an Eilein Leòdhais, far an do ghabh e còmhnuidh an deigh dha, a thaobh aois agus droch shlàinte, obair na ministreileachd a leigeadh dheth ’s an fhoghar so chaidh. Ged nach robh e ach ann an dreuchd na ministreileachd fad coig bliadhna, shaothraich e gu dileas fad iomadh bliadhna mar phrobationer. Bha Mr MacCoinnich ’n a dhuine diadhaidh, mion-eòlach air teagasgan a’ Bhìobuill, agus ro mheasail air fìrinnean an t-Soisgeil. Bha e ’n a sgoileir cothromach, ’n a fhior sgoileir Gàilig, agus bha eòlas farsuinn aige air litreachas na Gàilig. Tha a’ Chléir a’ cur an céill an co-fhaireachdainn mhòr ri a chàirdean agus ri a choimhthional.”—“An Fhianuis.” D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. McDonald Hanrahan & Co, Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach A ALBA. Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail GACH SEORSA CEANNACHD. MACDONALD HANRAHAN & Co, Mai 4.; ’95 [TD 360] [Vol. 5. No. 46. p. 8] Oran Gaoil. Thoir mo shoraidh le dùrachd, ’Dh’ fhios na h-ur-chailin òig; Air an d’ fhas na meoir ghrinne O’n tig binneas is ceol. ’S e do ghradh ’chuir orm mulad Agus duilichinn mhòr, Bho nach d’ fhaod mi dol lamh riut ’Dh’ éisdeachd manrain do bheoil. Moch maduinn ’s tu ’g eirigh, ’S tu an ribhinn ghlan, ùr; Cha b’e ruaidhe nan eibhleag Chit’ ag eirigh nad ghnuis, Ach fhuil shoilleir, ghlan, uasal, Mar shruth fuarain o ghrunnd,— Corp a’s gìle na ’n fhaoileann ’Snamh gu h-aotrom air burn. Gur-a h-iomadh duin’-uasal ’Th’ air a bhuaireadh mu ’d ghradh, ’S e na shineadh air uilinn, ’S e gu buileach fo phramh. Ged-a dheantar dha leaba, Cha ’n fhaigh cadal no tamh, Ach a smuain air bean t-fhasain, ’Ribhinn ghasd’ a chuil bhain. ’Ribhinn ghasda chuil speiseil D’am beil ceutaidh ro-mhor, Tha do dheud mar na disnean’, ’S blas fiona air do phoig. Slat de ’n abhall ur uasal D’am bu dual ’bhi ri spors, ’S lionmhor sruthan ard, uaibhreach, ’G eirigh suas ann ad phor. Tha trom mhulad air m’ inntinn, Agus mi-ghean gu leoir; Mur-a gabh thu grad thruas diom, Bidh mi ’n chruaidh-chàs ro-mhor. Air chinnt’ ’s gorach a bharail Do dh’ fhear falamh, bochd, òg, A bhi stri ri bean fearainn, ’S e gun earras, gun stor. C’ait a bheil i ’ga chruinne Te a chumadh riut beus Ann an gilid do phearsa; ’S gach aon tlachd tha d’a réir. Calb a’s cuimire ’n osan, Troigh nach dochainn am feur, Beul a’s tairise comhradh, ’S tu a’s boidhche ’tha fo ’n ghrein. Bheirinn mionnan air Biobull, Cheart cho cinnteach ’sam bàs. Ged bhiodh agam-sa oighreachd, Agus staoile gle ard, Ged bhiodh agam an dùthaich, Gun aon duil ri dhol aisd’; Nan deanadh tu lubadh Na bu leam gu ’m bu leat. Duanag. LE AILEIN DALL. Do dh’ adhairc an tombaca, air dhi a bhi falamh. LUINNEAG. Hug o rin o, ’s mi fo airtneal, Hill u hill o, tionndaidh ceart rium, Fiachaidh mi do ghrunnd an geartair ’S bheir thu seachad na bheil shios. Ged tha mise gun tombaca, ’S ann ’tha ’n cunradh thall am Faicheam; ’S lionmhor punnd, is unns’, is cairteal, ’Tha ’sa phac aig Mac-Gillios. Ged tha m’ adharc lùbach, slisneach, Gun chleit, gun snaoisean, gun ite, Bu mhor an diubhail a bristeadh, ’S gleidhidh mis’ i agam fhìn. Ged tha i gun deann ’san uair so, ’S duilich leam a ceann a bhualadh; Nam biodh aice gheibhinn bhuaipe, ’S mis’ ’tha truagh i bhi ga dhith. ’S ann oirre chuirinn-sa failte ’S a mhaduinn ’s bu chubhridh ’faileadh; Thogadh i mo shunnd gu manran Ged a bhithinn craiteach, tinn. ’S ged tha i falamh an trath so, Cha b’e ’n t-iargaltas a h-abhaist; Bha i roimhe fialaidh, pairteach, Aig Eoghan bàn Mac-a-Phi. Ged shiubhlinn Albainn is Sasunn, Bailtean margidh agus machir, Cum’ a deilbh cha ’n eil ri ’fhaicinn, ’S i-fhein a tha taitneach, grinn. ’N adharc bhuadhail, chuachach, ordail, Shnasmhor, chuairsgeach, dhualach, bhoidheach, ’N latha ’fhuair mi ann am dhorn i Cha b’e gini òir a fiach. Tha ’slios cho mìn ris an lamhainn, Gun ghaoid, gun sgoltadh, gun sgaineadh, Gun pheasg, gun eagan, gun ghagan, ’S dh’ fhaodadh i bhi ’n laimh an righ. Am measg cheathairne, no uaislean, ’S fheudar dhomhs’ a cur fo dhuathar, Air eagal gun doir iad bhuam i, ’S chuireadh sud gu buaireadh mi. Tha i suaicheant’ ann an coisreadh, Le slabhraidh bho laimh an or-cheird, ’S nuair a theid i ann an comhail Their gach duine coir “Cia dh’i.” Ged a gheibhinn gun da pheighinn, Ba-bheothach air an d’ fhas a leithid, B’ fhearr leam i na ’fheoil ’s a leathar;— ’S gasd’ a ghleidheas i ’n rapee. ’S tric a thug i dhomhsa gliocas ’N uair thairninn ri m’ shroin an ite; ’S ann na beul a gheibhinn fios Air sgeula misneachail na sith’. ’Nuair a tharlainn a’ s’ taigh-osda, Thairninn am mach as mo phoc’ i, ’S air a clar gum faighinn sòlas; B’ fhearr i na bhi ’g òl air fìon. B’ ait leam agam air a bhord i, An àm bhi seinn dain no orain; Ghleusadh i mo chail gu ceol dhomh, ’Chur nan rann an ordugh binn. “Cha b’e lan a’ chupain uidhir Chleachd mi chur air mo chridhe; Cha b’ fhearr e na ’m bainne-suidhe— Lion a rithist duinn an stop, “Lion a’ chuach d’an chruaidh stuth-laidir; Sin mu’n cuairt i do na h-armuinn, Gleus an duanag cheolar, chairdeil, Chumas baigheil sinn ri ’r beo. FAICEALL a mhuinntir òga, cha mhair na suilean boillsgeach, no na gruaidhean dearga sin agaibh fada ma bhios tinneas stamaig oirbh. Ma bha sibh gòrach ’s ma tha sibh a nise air ur cradh le cion-cnamhaidh, gairmibh g’ur cuideachadh an lighiche tapaidh sin, K. D. C. Cuiridh e ruaig air an nàmhaid, agus aisigidh e lathaichean briagha, sona dhuibh. Bu chòir K. D. C. a bhi anns gach tigh, oir leighsidh e gach seòrsa tinneas stamaig. Sampuill de K. D. C ’s de na Pills a nasguidh. K. D. C. Company Limited, New Glasgow, N. S. and 127 State St., Boston, Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 361-368] [No. 47 a dhìth] [TD 369] [Vol. 5. No. 48. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE IUN 5, 1897. No. 48. Crann nam Buadh. A chrois nam buadh, a chraobh an àigh, Coimeas dhutsa riabh cha d’ fhàs An coill no ’n doire;—’s tus’ an crann A ’s bòidhche duilleach ’s blàth a th’ ann. ’S caomh na tàirnean ’s caomh a chraobh A ghiùlain sac cho taitneach. naomh. Tog do ghuth le caithrim bhinn, Cliù Mhic Dhé le durachd seinn; Mol an cath ’s an d’ fhuair e buaidh, ’N uair thog iad air a chrann e suas. Far ’n d’ thilg e ’n deò, o, deo nan gràs, Le ’bhàs ’toirt buaidh air guin a’ bhàis. ’S caomh na tàirnean, &c. Lé diachainn chunnaic Dia bho thùs, Gniomh a làmh ri ’fhàint ’cur cùil; ’N uair dh’ ich iad leis a ghòraich meas Na craoibh ’bha bacte dhaibh ’s an Lios. ’N sin rùnaich Dia gu’n tugt’ air falbh Air craoibh, an t-olc ’chuir craobh na’n lorg. Mar so na ’ghliocas dh’ ordaich Dia, Bho ’n pheacadh ’us bho ’n bhas ar dion. Dh’ fhàg eòlas Chriost’ maraon ’s a ghaol, Innleachdan an deomhain faoin. Bho ’n bhall ’s an d’ ri[?] mealltair leòn, Shruth uisgeachan na beatha oirnn. ’N uair ruith an ùin’ ’bha sgriobhte shuas, Gu gaol a thaisbeanadh dh’ a shluagh, Bho ’chathair naoimh ’s na flaithis àrd’, Chuir Righ na glòir’ a Mhac a bhàn; ’S air talamh, lagan truagh nan deòir, An com na h Oighe, ghabh e feòil. Féuch! Dia na ’dhuine—Naoidhein suairc Na laidhe ’gal ’s a’ phrasaich fhuair; Gun suaineadh tlàth mu ’choluinn naoimh, Ach ciotagan le Moire chaoimh. Tha lamhan ’s casan Righ na glòir’, Paisgte suas gun uaisle sròil. Deich bliadhna fichead ’s còrr ri chùl, Air fògradh cruaidh chaidh Righ nan dùl; ’N sin dheònaich e le neart a ghràidh, ’Fhuil fhéin ’bhi dòirt’, ’s ar féich bhi pàidht’. ’S air fiodh a’ Chroinn-chéusaidh chruaidh, Thairg e iobairt dhiolaidh suas. B’ i’ dheoch an domblas—reub iad fheòil Le tàirnean garbha, ’s drisean mòr. Chaidh sleagh na ’chliathaich gus ’na ruith An fhuil measg uisge mach na ’sruth. O, sruth nam beannachd—fuil an Uain, A ghlan an tir, an speur, ’s an cuan. Do gheugan, lùb, a chraobh an àigh, Biodh d’ fhiodh gu sùbailt’, faoilidh, tlàth. An raige ’chinn ad chuislean daor, Nis taisichidh mar fhiùran maoth, Us glac ad asgail mùirneach sèamh, Coluinn naomh Ard-Righ nan Nèamh. Ortsa mhàin fhuair bàs, an t-Uan, A thoill do ’n pheacadh saorsainn bhuan. ’S ’nuair bha air chuaintean gàbhaidh caillt’, Sliochd-Adhaimh truagh ’s an saoghal bàit’, Gu cala ciùin thug thu, gun bheud, Iad coisrigte le fuil Mhic Dhé. Glòir do ’n Trianaid Naoimh, aon Dia, Gloir ’us aoradh dhà gu sior, Do ’n Athair, ’n Mhac, ’s do ’n Spiorad Naomh, Biodh taing, ’us moladh, ’s cliù maraon. Bho ’n domhan uile éireadh fuaim Do ’n Aon ’s do ’n Triar ’toirt glòir bith-bhuan. ’S caomh na tàirnean, ’s caomh a chraobh, A ghiùlain sac cho taitneach naomh. Litir a Alba. Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a ghàraidh Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA.—Tha ’n t-àm agam sgriobhadh ugad. Nach ’eil a nis? Cha b’ e cion toile bu choireach nach do sgriobh mi ugad o chionn raidhe, ach o’n a bha gillean tapaidh eile air do chùl, bha mi ’faicinn nach robh aobhar dhomhsa dragh a chur ort. “Ged tha mo cheann air liathadh ’s mo chiabhagan air tannachadh,” cha ’n fhaca mi riamh side cho fluich ’s cho fuar ’s cho gaothar ’s a bh’ againn o’n a thàinig an t-Earrach. Tha’n t-àiteach gle fhadalach; oir ged a chaidh aig daoine air beagan treabhaidh a dheanamh mu mheadhain an earraich, an uair a thainig àm cur an t-sìl, bha ’n t-sìde ’cumail cho fliuch ’s nach b’ urrainn daoine cur no cliathadh a dheanamh. Bha earrach na bliadhna so gu math tric a’ cur ’nam chuimhne naigheachd bheag a chuala mi o chiònn iomadh bliadhna mu dhroch sheirbhiseach a bha aig tuathanach beag a bha aon uair ann an Uidhist a’ Chinn a Tuath. Anns an àm ud bhiodh daoine a’ deanamh mòran de bhuntata-taomaidh. Dh’ fheumadh am buntata-taomaidh a bhith air a dheanamh gu math tràth ’s an earrach, a chum gu ’m faigheadh an talamh-taomadh beagan reothaidh mu ’n tigeadh àm cur a’ bhuntata. B’ ann air taobh an ear Uidhist a’ Chinn a Tuath a bha ’n tuathanach. Dh’ fheumteadh an fheamainn a ghearradh, oir air an taobh so de ’n dùthhaich, cha tig feamainn dearg gu cladach aig àm sam bith. An uair a bhiodh an reothart ann, bhithteadh a’ gearradh na feamann, nam biodh an t-side cho ciùin ’s gu ’m faigheadh daoine a dhol timchioll nan cladaichean le eathraichean; agus an uair a bhiodh a’ chonn-traigh ann, bhiodh iad a’ feamanadh, a’ sgaoileadh na feamann, agus a’ bristeadh air talamh ’s a’ taomadh. Bha ’n droch sheirbhiseach air am bheil mi ag iomradh a’ guidhe ’s ag urnuigh, “a chonntraigh ’na reothadh, ’s an reothart a bhith ’na stoirm.” Nam bidh so mar so cha ghabhadh obair an earraich deanamh idir. Bha ’chuid bu mhò de’n earrach so chaidh seachad ’na reothadh ’s na stoirm. Bha ’m fodar anabarrach gann am bliadhna. Ach o’n a theid aig daoine air biadh spréidhe fhaighinn dhachaidh as a’ Ghalldachd, cumaidh iad an spréidh beò. Aig àm breith nan uan bha ’n t-side fliuch, fuar stoirmeil. Chailleadh mòran uan air feadh na dùthchadh gu léir. O’n a bha na caoraich cho lag, bha na h-uain glé mheata ’gam breith, agus mar sin cha seasadh iad ris na frasan troma sneachda a bh’ ann a dh’ oidhche ’s a latha, faodaidh mi a ràdh, fad choig latha deug. Chualas a’ chuthag seachdain roimh ’n Bhealltainn uir; agus an uair a chualas i, bha seann daoine ag ràdh, gu’n robh e ’na dhroch comharradh air an aimsir. A reir choltais tha so fior gu leòr; oir thàinig fuachd is gaillionn gu leor o’n a chualas i. “Gug gug,” ars’ a chuthag, latha buidhe Bealltainn.” Cha b’e latha buidhe Bealltainn a bha againn am bliadhna idir. Is e ’bh’ann latha fuar, fiadhaich, fliuch. Bha Bha uisge ann a “bheireadh na h-earbaill as na h-eich.” Is e ’n diugh latha seana Bhealltainn, agus tha ’n t-side blàth, ciuin, briagha. Tha dòchas agam gu ’m faigh sinn side mhath a nis. Tha mi glé fhad air dheireadh le obair a ghàraidh am bliadhna. Cha robh side mhath gàradaireachd ann. Cha chuimhne leam riamh na frasan fhaicinn cho fadalach a’ tighinn. Cha leigeadh am fuachd ’s am fliuchadh leotha fàs. Ach ma thig side mhath bhlàth, faodaidh bliadhna mhath, thorach a bhith againn fhathast. An la a chi ’s nach faic, Is mi do charaid, BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, Latha Seana Bhealtainn. So an t-àm air son cur a dh’ iarraidh MAIC-TALLA. Bidh a bhliadhna tòiseachadh le Iulaidh. Cha chosg e dhut ach dolair uaithe so gu toiseach Iulaidh 1898. Tha moran a’ cur ’ga iarraidh as ùr aig an àm so, agus tha dùil againn ri moran eile bhi cur a stigh an ainmean gach seachdain an deigh so. An do phàigh thu MAC-TALLA. [TD 370] [Vol. 5. No. 48. p. 2] NA MARBHRANNAN. Ma sheallas sinn air bardachd na treas linne a dh’ ainmich mi, chi sinn gu bheil na cumhachan ro lionmhor. Tha Mac-Coinnich, aon an “Sar obair nam Bard Gaidhealach” a’ cruinneachadh an roinn is luachmhoire, a reir a bharail-san, de shaothair dà-bhard-dheug-thar-fhichead air a’ bheil cunntas creideasach againn, a’ toiseachadh le Mairi nighean Alastair Ruaidh, agus a’ criochnachadh le Bard Loch-fine, Eoghan Mac-Colla. Mar thuirt mi cheana, ’s ann a’ cumhadh no caoineadh ni-eigin a tha moran d’ ar n-orain Ghaidhealach cia air bith an steigh; ach tha roinn mhor dhiu is e cumha no marbhrann an steigh cho maith r’an cainnt. Gabh mar eisempleir saothair nam bard is ainmeile mar a thagh Mac-Coinnich i. Tha naoi de orain Mhairi nighean Alastair Ruaidh ’s an leabhar. Is cumhachan ceathrar dhiu. Tha tri-orain-dheug le Iain Lom ’s an leabhar; tha ceithir dhiu so na ’n cumhachan. Cha ’n eil ach aon mharbhrann am measg tri thar fhichead de orain Mhic-Mhaighstir-Alastair, agus is ann do pheata calamain a rinn am bard an t-aon sin. Cha ’n eil marbhrann idir aig Dughall Buchannan; ach tha ochd aig Rob Donn, cuig aig Donnachadh Bàn, agus ceithir aig Uilleam Ros. Agus am measg nam bard is isle cliu, gheibh sinn marbhrannan, ma dh’ fhaodte, na ’s lionmhoire. Cha ’n eil earrann d’ar bardachd, saoilidh mi, is fearr a bheir seachad cunntas air faireachduinean agus air beachdan an t-sluaigh na na marbhrannan. Tha ’m bard a’ moladh a’ ghaisgich nach maireann airson nam feartan is cliuitiche a tha air am meas ’n a latha fein. O shean gheibh sinn misneach, gaisge, firinn, caoimhneas, fialachd, dilseachd air an cur as leth nan treun a tha airidh air cliù. Anns an linn mu dheireadh a dh’ ainmich mi, gheibhear gu tric na h-uiread de fheartan agus nach eil mi cho earbsach gu bheil an fhirinn daonnan aig a’ bhard. Ach tha ’n comhnuidh deise, maise, gaisge, fialachd, déigh air ceol, air seilg, agus gu tric air deoch, air an ainmeachadh le h-urram. De bhaird spioradail a sheinn marbhrannan, tha an t-ollamh Domhnullach, Iain Moristan, agus Mac-Illeathain Ghlinn-Urchaidh, airidh air an ainmeachadh. Bhiodh a chuid so de bhardachd nan daoine urramach sin na b’ airidh air cliu na tha i, mur biodh an dain cho fada, agus cho cosmhuil ri searmoin. Feumar na gibhtean bardail is airde fhaotainn mu ’n toirear gu crich shoirbheachail tri no ceithir de cheudan rann mu chliù an neach is urramaiche no is naomha a sheas ann am broig. Anns a mharbhrann ainmeil a sgriobh Tennyson, In Memoriam, cha ’n eil ach beagan iomradh air a’ charaid; agus ged tha buaidhean a’ bhaird gu leir air an cur a mach a shoilleireachadh doimhneachd fhaireachduin agus neart a’ bhroin, cha mhor a leughas an dàn gun sgios. Aon a bhi coimeas ’n am marbhrannan Gaidhealach—sean ’us òg—ri cheile, is eigin aideachadh gur iad na seana mharbhrannan gu mor is airde cliù. Cha ’n eil teagamh nach robh iomadh rann do ’n mharbh agus do ’n bheò, o shean, air bheag luach, oir “cha ’n fhaicear ach caol na bh’ ann;” ach cha ’n eil aon idir a thig a nios ris an t-seana chumha ri fhaotainn a nis. Tha da ni gu sonruichte anns a’ bheil na seana mharbhrannan, agus an t-seana bhardachd thar cheann, dealaichte o na marbhrannan a tha againn ’s an linn mu dheireadh a dh’ ainmich mi. I. Theirinn gu bheil an t-seana bhardachd thar cheann, na marbhrannan ’s gu leir, oirdhearc ann an smuain cho maith ri bhi maiseach ann an cainnt;—gu bheil a’ bhardachd nomha mar is trice na ’s cumhachdaiche ann an cainnt na tha i ann an smuain. Tha inntinn mhor, fharsuing aig an t-seana bhard; tha a smuain reachdmhor; agus tha chainnt fo smachd. Cha ’n urrainn mi bheag de ’n bhardachd ùir a’ leughadh—is e sin a chuid is airde dh’ i—gun a bhi fo ni-eigin de amhurus gu bheil am bard car coma ciod a dh’ eireas do ’n smuain ma gheibh e focail shnasmhor a ni fuaim thaitneach. Gheibh thu ’n seana bhard a’ deanamh greim teann air na faireachduinean is bunaitaiche bhuineas duinn, agus tha fhiosrachadh farsuing a’ dusgadh smuaintean ann an dlù dhaimh do na faireachduinean sin, agus tha cainnt fhreagarrach ag eiridh a chum na smuaintean sin a chur an ceill; ach saoilidh mi gu tric gu bheil a chainnt a’ riaghladh a’ bhaird ùir agus a’ dusgadh na smuain ma ’s e agus gun teid a dhusgadh. ’S e is aobhar dha so ann an tomhas mor gu bheil aig an t-seana bhard duthaich ’us sluagh fa chomhair a shùl; agus nach eil aig a bhard ùr ach sgireachd ’us fine. Tha morachd ’us greadhnachas ’us maise aig an t-seana bhard; ach ged tha maise gu tric aig a’ bhard nuadh, tha an comhnuidh criontachd ’us beagadas aige. Chithear an dealachadh so ’n ar mharbhrannan. Cha ’n abair neach nach eil bron an t-seana bhaird cho goirt; ach cha ’n ionann smuain a tha ’m bron a’ togail dhasan agus do ’n bhard ùr. A chum an dealachadh so shoillearachadh seall air “Tuireadh Armhoir,” a thug mi seachad roimhe; agus leugh e taobh ri taobh ri aon de na cumhachan is fearr a tha againn a sgriobhadh o chionn dà cheud bliadhna—’s e sin “Cumha Chailein Ghlinn-Iubhair,” le Donnachadh Bàn Mac-an-t-saoir. Thuit Cailein Ghlinn-Iubhair le urchair thuairmeis o chul tuim; agus chaoidh Donnachadh Bàn e ann an marbhrann ochd-fichead sreath. So a cheud rann: Smuaintean truagh a th’ air m’ aigne, Dh’ fhag orm smuairean ’us airsneul, An àm gluasad a’m’ leabaidh, Cha chadal ach dusg’; Tha mo ghruaidhean air seacadh, Gun dion uair air mo rasgan, Mu ’n sgeul a chualas o’n Apuinn, A ghluais a’ chaismeach ud dhuinn; Fear Ghlinn-Iubhair a dhìth oirnn, Le puthar luchd mi-ruin, Mo sgeul dubhach ri innseadh, Thu bhi d’ shineadh ’s an ùir; ’S truagh gach duine do d’ dhilsean, O’n a chaidh do chorp priseil, An ciste chumhainn, chaoil, dhionaich, ’S ann an lion-anart ùr. A rìs, gabh “Caoidh Chrimine” a thug mi seachad mar eisempleir air an t-seana chumha; agus ri thaobh leugh “Cumha do Uilleam Siseal, fear Inns’-nan-ceann an Strath-Ghlas, a thuit latha Chuilfhodair, le mhnaoi fein,” mar a gheibh thu e ann an “Sar-obair nam Bard Gaelach,” taobh, 373. A reir a’ chunntais a tha againn, cha robh dearg no dubh d’ar cinneadh a b’ airidh air barrachd cliù na ’n Sisealach airson gach feart a mheasadh Gaidheil toillteannach air urram—neart ’us gaisge ’us maise. Bha buaidh na bardachd aig a mhnaoi; bha a cridhe briste, agus cha b’ ioghnadh e. Thaom i mach a gearan ann an cumha ochd ’us ceithir-fichead sreath de fhad. So a cheud dà rann: Och! a Thearlaich Oig Stiubhart, ’S e do chuis rinn mo léireadh, Thug thu bhuam gach ni bh’ agam, Ann an cogadh ’n a d’ aobhar: Cha chrodh ’us cha chaoraich, Tha mi caoidh ach mo chéile, Ged a dh’ fhagte’ mi m’ aonar, Gun ni ’s an t-saoghal ach léine, Mo rùn geal òg. Co nis thogas an claidheamh, No ni chaithir a lionadh? ’S gann gur h e tha air m’ aire, O nach maireann mo cheud ghradh, Ach cia mar gheibhinn a’ m’ nadur, A bhi ’g aicheadh na ’s miann leam, A’s mo thogradh cho laidir Thoirt gu ’aite mo righ maith? Mo rùn geal òg. Saoilidh mi gu ’n aidichear cia b’e sgriobh “Tuireadh Armhoir” gu ’n robh inntinn dhomhainn, gheur, fharsuing aige; agus gu ’n robh comas aige air inntinnean dhaoine eile a lubadh le smaoin ’us cainnt air nach do rainig Donnachadh Bàn. Agus saoilidh mi air a cheart doigh gu ’m faighear ann an “Caoidh Chhrimine” bron cho trom agus a gheibhear ann an cumha na ban-Sisealaich; ach ged “dh’ imich ’s an dàn a h-anam,” tha suil ’us smuain Chrimine ag amharc na ’s airde na suil ’us smuain bantrach Inns’-nan-ceann. II. ’S e ’n dara ni anns a’ bheil na seana mharbhrannan a’ toirt barr air marbhrannan ar latha-ne, an t-urram agus an t-soluimteachd anns a’ bheil an seana bhard an comhnuidh a’ seinn mu ’n bhàs agus mu na mairbh. Ann an coimeas ri rioghachd agus ri cinnich eile, tha Gaidheil na h-Alba comharraichte airson an urraim leis an labhair iad mu na mairbh. Dearbhaidh ar doigh-chainnt so gu soilleir. Cha ’n abair sinn “dh’ eug e” no “bhasaich e” ro-thric. ’S e “Fhuair e bàs” is trice their sinn—a’ cur beul-boidheach air a’ chuis. Cha ’n eil sinn ag amharc leis an doigh-chainnt so air [TD 371] [Vol. 5. No. 48. p. 3] a’ bhàs mar namhaid an toir air an duine, ach air an duine mar gu ’m b’ ann a’ dol an coinneamh a’ bhàis, ’g a shireadh—“Fhuair e bàs” (he found death). Ach cha ’n e so a mhain. Anns na cearnan de ’n Ghaidhealtachd anns an eolaiche mi, cha toirear ach ainmig guth air a’ bhàs idir. ’S e “chaochail e” (he changed); “shiubhail e” (he walked); “dh’ fhalbh e” (he went);—is trice their sinn. A rìs “Am fear nach ’eil a lathair” (the absent one); “Am fear nach maireann” (the non-enduring one). Tha ’ghne chainnt so a’ cur an ceill, tha mi saoilsinn, gu soilleir, gu ’n robh an Gaidheal a creidsinn nach robh an ceangal eadar e fein agus am marbh gu tur air a bhriseadh—nach d’ rinn na cairdean a dh’ fhalbh ach imeachd romhainn, agus “An uair bhitheas an obair criochnaicht’, Gu ’m bi sinne triall ’n an deigh.” Bha mar so ceangal dlù air a ghleidheadh eadar am marbh agus am beò; agus bha cuimhne nam marbh air a gleidheadh ùr, le ni-eigin de uamhas ach le tlachd. Innsidh ar sean-fhocail an sgeul cheudna; agus is gann a labhras neach an diugh air failinn ann an aon a chaochail gun a radh—“Cha’n ann ri chur ’n a dheigh e.” Is ann, da rireadh, le bhoneid ’n a dhorn agus le bhrogan bharr a chos a sheas an Gaidheal aig bruaich na h-uaighe. Ach ged tha so fior mu thimchioll ar sluaigh ann an coimeas ri cinnich eile, tha e fior ann an doigh ro shonruichte mu thimchioll nan Gaidheal o shean cho fad agus a tha iomradh orra. Bha agus tha iad ’n an daoine calma, treuna—air bheag eagail roimh chunnart; ach bha ’m bàs na ni uamhasach dhoibh. Cha ’n aithne dhomh earrann de ’n t-seana bhardachd anns a’ bheil am bàs no na mairbh air an ainmeachadh ann an cainnt eutroim no shuaraich. Ach gheibhear eisempleir no dha ’n ar bardachd nomha anns a’ bheil am marbhrann air uisneachadh airson cridhealais ‘us spors. Cha bhi mi ’g ainmeachadh na h-Aoir sgreamhail, bhreun a rinn Mac-Mhaighstir Alastair fo ainm “Marbhrann na h-Aigeannaich”—oran a bheireadh masladh air sluagh gu teachd air bard. Ach gheibh sinn Gilleaspuig na Ciotaig a’ caoidh a charaid Iain Ruadh Piobaire ann an rann shunndaich, eutroim, a’ dearbhadh nach robh cridhe a bhaird ro ghoirt, agus cha robh aobhar air, oir thachair nach robh am piobaire idir marbh. Tha ’n spliucan, an gloine, ’s am pige cho maith ris a’ bheag agus ris a’ mhor a’ caoidh a’ phiobaire, agus tha ’m bard an sin a’ cur an ceill a’ chliu:— Dh’ fhalbh an deagh ghille cuideachd, Nach robh sgrubail ’s an òsd’; Dh’ fhalbh fear traghadh nan searrag, Chosgadh barrachd thar stòp. Dh’ fhalbh fear deanadh nan duanag Leis an luaighte’ gach clò, Cha b’e ghnas a bhi gearan Ge h-ioma’ glain’ thug dha pòg. * * * * * Bha thu d’ dhamhsair air urlar, Bha thu siubhlach air snàmh; Bha thu d’ chairiche lùghmhor, Cha bhiodh tu d’ luirich fo chàch. Urram leum, agus ruithe, Glac threun a ruitheadh an ràmh, ’S an àm caitheadh na cloiche, Bu leat an toiseach air càch. Thoir mo shoraidh-sa thairis, Dh’ ionnsuidh ’n fhearainn ud thall; O nach faod mi bhi mar ribh, ’S leibh mo bheannachd ’s an àm. Biodh an uaigh air a treachladh, Ann am fasan nach gann; Buideal rùm aig a chasan, ’S rol tombac aig a cheann. Mar dh’ ainmich mi cheana ’s ann do pheata calamain a tha Mac-Mhaighstir-Alastair a’ deanamh an aon mharbhrann a thug Mac-Coinnich leis de shaothair a’ bhaird ainmeil so. An deigh a mhulaid ás deigh a’ pheata chur an ceill, agus cliu nan calaman o shean a sheinn—cho feumail ’s a bha an t-eun so do Noah seach Dughall (am fitheach)—an caithe-beatha ’s an doigh leannanachd, tha ’m bard a’ criochnachadh:— Cha do chuir thu dùil an airgiod no spréidh, No féisd am biodh sùgh; Ach spioladh ’us criomadh an t-sil le d’ bheul, ’S ag òl a’ bhùirn; Aodach no anart, sioda no sròl, Cha cheannaicheadh tu ’m bùth, Bhiodh t-eideadh de mhin-iteacha gorm, Air nach druigheadh an driùchd; Cha do ghabh thu riamh paidir no créud, A ghuidh nan dùl; Gidheadh, cha ’n eil t-anam am péin, O chaidh tu null, Cha ’n e gun chiste no anart Bhi comhdach do chré, Fo lic anns an ùir, Tha mise, ge cruaidh e, ’g acain gu léir, Ach do thuiteam le cù. Ma rinn Mac-Mhaighstir-Alastair marbhrann do chalaman b’ eigin do Dhonnachadh Bàn marbhrann a dheanamh “do chù a chaidh a bhàthadh ’s a’ mhaigheach tarsuinn ’na bheul”:— Bha mhaigheach tarsuinn ’na bheul, Thuit iad le cheile ann an slochd; Bha iad bàite bonn ri bonn, ’S muladach sin leam an nochd. Cha chuimhne leam an traths’ ma tha bard Gaidhealach againn a rinn marbhrann dh’ a fein ach Mac-an-t-Saoir ’n a aonar. Tha an t-oran am measg nan oran is fearr a rinn am bard; agus cha ’n ann idir ann am feal-a-dha a rinn e e. Tha am marbhrann ’n a dhearbhadh maireannach an dà chuid air buaidhean bardail agus air fein-speis Dhonnachaidh Bhain. Dh’ uisnich Rob Donn am marbhrann uair no dha mar cheann teagaisg airson earail ’us achmhasan a thoirt seachad; ach toigheach air abhachdas agus mar bha e, cha do ghabh e marbhrann airson culaidh-mhagaidh a dheanamh do ni no do neach. Ma ’s maith mo bheachd gheibhear marbhrannan de ’n t-seorsa so na ’s cumanta ’n ar latha-ne na gheibhteadh iad ceud bliadhna roimhe so. Cluinnear gu maith tric agus chithear air uairean ’n ar leabhraichean oran o chionn ghoirid marbhrann air a h-uisneachadh airson spors. ’Se tiomnadh tuirc no cullaich a bu steigh do ’n aon oran a bu ghleusta a rinneadh anns an sgireachd air an eolaiche mi o’n is cuimhne leam. Ghabh am bard cothrom air a bharail mu choimhearsnaich innseadh leis na dleasdanais a bha aca ri choimhlionadh ri linn bàis an tuirc, agus leis an dileab a dh’ fhag an torc aca. Their cuid, gun teagamh, gu bheil an rian so a’ comharrachadh a mach ni-eigin de chul-shleamhnachadh ’n ar sluagh; bithidh cuid eile de atharrach barail. Cha ’n fheuch mi ’n traths’ ri freagairt a thoirt, taobh seach taobh, do ’n cheist chiogailtaich so. Mar tha aig a mhor chuid de cheistean a theid a chur, saoilidh mi gu bheil tuillidh ’us aon fhreagairt aice. De na baird ainmeil Ghaidhealach a sgriobh marbhrannan o’n linn Oiseinich, ’se Rob Donn, a reir mo bheachd, is airde cliù. Cha ’n ann airson na marbhrannan a sgriobh e a tha ’n duine ainmeil so cho airidh air urram am measg nam bard Gaidhealach; agus a chionn gur e so mo bharail gabhaidh mi air m’ aghaidh an traths’ gun moran iomradh air, ann an dùil ri cothrom is fearr. ’S e fior chliù Rob Dhuinn am measg nam bard gu ’m faod thu bhi cinnteach gu ’m faigh thu ’n a rann a bheachd ’s a bharail fein, gu saor, gun sgath, gun eagal. A rìs cha sgithich e thu, mar a ni a mhor chuid de na baird eile, le fad a “Chumha.” Bha Rob ’n a fhoirfeach anns an eaglais; agus tha mi meas gur mor a’ chliu dh’ a fein agus d’a mhinisteir mar a sheinn e mu dheibhinn:— Fhuair mi car ann ad rianaibh-s’, Le do ghibhtean bha fialaidh, Nach do dhearc mi ma ’s fiòr dhomh, An aon neach riamh ach thu fein: Càil gach cuideachd a lionadh, Leis na theireadh tu diomhain, ’S crioch do sheanchais gun fhiaradh, Tighinn gu diadhaidheachd threun. Agus bliadhna an deigh bais “Mhr. Murchadh” cha deachaidh bron a’ bhaird an lughad:— ’S caomh leam an teaghlach, ’S a’ chlann sin a dh’ fhàg thu, ’S caomh leam na fuinn, Bhidhte’ seinn ann ad fhàrdaich; ’S caomh leam bhi ’g ùrachadh, ’Chliù nach tug bàs dhiot; ’S caomh leam an ùir th’ air do thaobh, Dheth na Bhaghan. Mu Uistein Mac-Aoidh, a chaochail ’na òige, bu shnasmhor agus b’ fhior a thuirt e:— Ma sgriobhar cliù do bheatha air d’ uaigh, Gur lionmhoir’ buaidh na bliadhnachan. B’e Iain Mac-Eachainn an caraid a bu dlùithe bha aige ré a bheatha; agus is urramach air gach cor an teisteannas a tha Rob a’ toirt air a’ charaid; ach is eigin gabhail seachad air “Marbhrann Iain Mhic-Eachainn,” agus air marbhrann eile air gach doigh is comasaiche—“Marbhrann Eoghainn”—an traths’. (Air a leantuinn air taobh 374.) [TD 372] [Vol. 5. No. 48. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia miosan, .50 Tri miosan, .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, IUN 5, 1897. Tha saor-dhionaidearan Shidni a’ dol do’n champa Di-luain, agus tha a mhor-chuid de dhaoin’ òg a bhaile a’ dol còmhla riutha, agus na clo-bhualadairean am measg chàch. Tha e mar sin gu bhi gle dhoirbh na paipearan-naigheachd a chur a mach mar is abhaist, agus tha sinn air son rabhadh a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA, ged a bhiodh e car anmoch gun ruigheachd air an t-seachdain ’sa tighinn, gun ioghnadh sam bith a bhi orra. A dh’ innse na firinn, cha’n eil sinn fathasd cinnteach an urrainn dhuinn a chur a mach idir a cheud seachdain, oir tha ar cuid-ne de na clo-bhualadairean a dol dh’an champa gu h-iomlan. Ach mur urrainn duinn a chur a mach a cheud sheadhdain, ni sinn ar dichioll air àireamh na seachdain an deigh sin a bhi cho math ’s nach bi aithreachas sam bith air an luchd-leughaidh air son a bhi as aonais aon seachdain. Cha ’n eil coire sam bith ri chur air na clo-bhualadairean air son iad fhéin a cheangal ris an arm, oir tha an obair a th’aca gle chuingeil, agus bidh e na fhaoth’chadh mor dhaibh faotainn a mach do’n àile fad che’-la-deug. A bharrachd air sin, cha’n eil teagamh nach eil toil aca nochdadh gu bheil iad dìleas do’n bhan-righ agus ullamh gus an dùthaich a dhion uair sam bith a bhios feum aic air. Tha muinntir Phort Morien a’ gearan gu mor air mar a tha Cuideachd a Ghuail a’ déiligeadh riutha, agus tha na h-aobhair aca. O chionn da bhliadhna nise, cha ’n eil ach gle bheag obrach ga deanamh anns a mhèinn, agus tha choltas air gur ann a tha i dol a sgur gu buileach. Tha an sluagh a nise cur tagradh air beulaobh Riaghladh Nobha Scotia, agus tha iad a cur rompa mur dean sin feum dhaibh, gu’n cuir iad a chùis na’s fhaide air falbh. Ma dhùinear suas a mhèinn, bi’dh e ’na chall mor dhaibhsan aig am bheil fearainn agus taighean timchioll oirre, agus is còir dhaibh gach ni a tha ’nan comas a dheanamh an aghaidh sin. Gheibhear anns an àireamh so litir o “Bhodachan a’ Ghàraidh.” Tha e coltach a reir a sgeòil-san nach b’i ’n dùthaich so na h-aonar aig an robh earrach agus toiseach samhraidh fliuch. Ma bha uisge aca anns an t-seann-dùthaich a bheireadh na h-earbaill as na h-eich, bha e cheart cho dona sin anns an dùthaich so Agus bheir e beagan faoth’chaidh do mhtinntir na dùthcha so a chluinntinn nach iad-san a mhàin a bha fulang le droch shide. Tha Sgoil nan Dall a’ tairgse foghlum a thoirt a nasguidh do neach sam bith eadar sia bliadhna us bliadhn’ air fhichead a dh’ aois, a tha dhith am fradhairc. Tha rùm aca anns an sgoil an dràsda do shia ficheda. Cha do shuidh cùirt na siorrachd fhathast; Tha ’m breitheamh Dodd cho tinn ’s nach b’ urrainn da a frithealadh, agus tha i air a cur seachad gu Iulaidh. Tha bòrd-sgoile na siorrachd ri bhi cruinn an tigh-na-cùrtach Di-ciadainn s’a tighinn. Sgeul mu Eirionnach. Tha e air aithris gu’n d’ thainig Eirionnach turas a dh’ aon de mhèinnean Cheap Breatuinn air seòl cosnaidh. Cha robh e riamh roimhe ’g obair am mèinn agus mar sin bha e tur aineolach oirre. Bha e glé dhéigheil air “Mac-an-Tòisich,” agus cha robh e ach gann air tighinn ’nuair a thòisich e air òl gus ma dheireadh ’n do ghabh e ’n daorach. Agus air dhaibh fhaotainn a mach nach robh e riamh ’san toll-ghuail thug iad sios e, gun aithne, gun chuimhne agus chàraich iad e ann an aon de na seòmraichean. ’Nuair a thug e greis ’na chadal, dhùisg e a’m breislich, ’sa, fosgladh a shùilean, dh’ amhairc e le uamhann mu’n cuairt dha, ’s ga fhaighinn fhéin an àite uaignidh, oillteil, dorcha, gun solus oidhche no latha, shaoil leis gur ann an ifrinn a bha e, agus le crith anama us diteadh cogais dh’ éubh e mach. “O mo thruaighe! mo thruaighe! Nach truagh gu’n do bhlais mi riamh air boinne dhe’n stuth mhallaichte a choisinn dhomh fhéin an t-àite aingidh so.” Thòisich e ri gul gu goirt, a caoidh ’amaideachd agus a ghòraiche, ’nuair a chunnaic e duine anns an robh solus, dorcha, tacan bhuaidhe. Rinn e mach gur h-aon dhe na droch spioraid a bh’ ann. Cha dheanadh eagal feum; thriall e le eagal bàis g’a ionnsuidh. Bha e ’na thosd. Cha b’ urrainn dha bruidhinn. Chuir am fear sin fàilte chridheil air, ni a thog a mhisneach gu mor, agus a’ toirt fanear gu robh e sgith, lag, fann, thug e mach botull de Mhac-an-Tòisich us thairg e dram dha. Thug an t-Eirionnach greis a’ coimhead air le ioghnadh agus toileachas, agus an sin rug e air a bhotull is ’ga òl thuirt e:—“Air do shlàinte, ’Fhir-mhosaich, gu dearbh ’nam biodh fhios agam gu robh a leitheid so de stuth ri fhaotainn agad cha bhiodh urad eagail agam romhad ’sa bha.” A. S. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitcheil, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 373] [Vol. 5. No. 48. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thainig soitheach-cogaidh Frangach, La Clocheterie, a stigh do ’n acarsaid maduinn na Sàbaid s’a chaidh, agus tha i stigh fhathast. Tha dùil ri àireamh de na soithichean Frangach a bhi stigh ré an t-samhraidh. Tha buidheann de robairean a cur iomguin air muinntir Ontario. Aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh, bhrist iad a stigh do bhanca ann am Blackbridge, agus ghoid iad mile dolair de dh’ airgead a bharrachd air paipearan a b’ fhiach naodh mile. Tha am bàta-smùide Marion gu tòiseachadh air a dhol air a cuairtean àbhaisteach air lochan Bhras d’ Oir Di-luain. Bidh i a’ fagail Shidni gach maduinn Di-luain, Di-ciaduin, ’s Di-haoine, agus a’ tilleadh gach feasgar Dì-màirt, Dior-daoin, ’s Di-satharna. Tha trioblaid a rithist am measg nan Innseanach anns an Iar Thuath, Mhort Innseanach, d’ am b’ ainm Guth Cumhachdach, buachaille spréidhe faisg air Batoche, agus an sin dh’ fhalaich e e-fhèin ann an tom coille, agus mharbh e dithis no triùir eile fhad ’sa bha e an sin. Mu dheireadh chuireadh daoine ’na dheigh le gunna gatling agus chaidh a mharbhadh. Bha coinneamh cléire ann an Eaglais St. Andrew’s Di-ciaduin, aig an d’ fhuair Mr. Iain Mac-an-Tòisich cead searmonachaidh. Fhuair Mr. Mac-an-Tòisich a mach á colaiste air an earrach so le cliù mor dha fhéin, agus cha ’n eil teagamh againn nach bi e ’n ùine ghoirid air a shuidheachadh ann an coithional. Tha sinn an dòchas gu faic e iomchuidh fuireach ann an Ceap Breatunn. Tha muinntir Mhontreal agus mor-roinn Chuibeic o chionn treis a dh’ ùine a’ cur eolas air critheanna-talmhainn. Oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, bha crith uamhasach ann a chuir na taighean air chrith, agus a chuir eagal mor air na h-uile. Mhair a chrith faisg air cairteal mionaid, agus mu leth-uair na deigh bha fuaim mor ann a mhair àireamh mhionaidean. Chaidh soitheach-seòlaidh a dh’ fhalbh á Sidni Tuath a sheachdain gus an diugh, a chall le dhol air tir faisg air St. Pierre ’sa mhaduinn Di-dònaich. Chaidh an sgioba shàbhaladh, ach chaill iad an cuid gu h-iomlan. Cha robh de dh’ airgead urrais air an t-soitheach ach sia ceud dolair, agus cha robh sgillinn air an luchd. Bhuineadh an soitheach do Chaiptean Hickey, an Sidni Tuath. Tha àireamh mhor de mhèinneadairean Nobha Scotia air tigh’nn do Cheap Breatunn air an t-samhradh so. Tha mòran dhiubh a Springhill; tha cùisean cho mi-dhòigheil anns a’ mhéinn sin ’s gu bheil moran de na daoine ’ga fàgail. Tha eagal oirnn nach mor is fheaird iad tigh’nn an taobh so; tha chuid mhor de na mèinnean cho fad air ais ’s nach eil obair eadhon aig na daoine bha annta roimhe. Tha soitheach-cogaidh Breatunnach ri bhi ’san acarsaid so air latha Iubili na bàn-righ’nn. Chaidh litir a chur dh’ ionnsuidh an admiral deireadh an earraich ag iarraidh air, nam b’ urrainn da, aon de na soithichean a tha fo chomannda a chur do ’n acarsaid air an latha sin. Oidhche Dior-daoin s’a chaidh, fhuar an t-ard-bhaillidh, Mr. Crowe, fios uaithe ag innse gu robh e dol a chur a Phelican g’ar n-ionnsuidh. Cha ’n eil anns a Phelican ach soitheach beag, ach tha féill mhor air na soithichean-cogaidh air son an lath’ ud, agus tha àireamh de bhailtean a tha moran na ’s motha na Sidni aig nach bi uiread us aon soitheach fhéin—beag no mor. Cha ’n eil teagamh, mar an ceudna, nach bi soitheach Frangach a stigh, air chor ’s nach e h-uile h-àite bhios cho math dheth ri ceanna-bhaile Cheap Breatunn. Chaochail Mairi Dhomhnullach, nighean do Chailean Domhnullach ’san Eilean Chruinn am Mira, ann am Boston a sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh. Thugadh a corp dhachaidh gu bhi air adhlacadh. Tha tigh-òsda Shidni a nise ann an làmhan Mr. Hannington, á Truro, cha ’n ann aig Mr. Mitchell mar a thuirt sinn air an t-seachdain s’a chaidh. Bha Mr. Hannington roimhe so a’ cumail tigh-òsda ann an Truro. Chaidh bristeadh a stigh do bhùth dealbhadair, Mr. Allen, ann an Sidni Tuath, oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha gach ni air an d’ fhuair na béistean greim air a mhilleadh. Cha d’ fhuaireadh a mach fhathast co iad. Chaochail fear Beniamìn Cann, a mhuinntir Sidni Tuath, anns an tigh-chaothaich an Danvers, faisg air Gloucester, Mass. Cha robh e anns an tigh ach ùine ghoirid; chaidh e as a rian le buille a fhuair e anns a’ cheann, air dha tuiteam le staidhir. Chaidh fear Uilleam Mac Neachtain a chur an greim o chionn ghoirid ann an Lunenburg, N. S., air son a bhi deanamh ’sa creic stuth-làidir gu mi-laghail. Chaidh a phoit-dhubh a thoirt uaithe, chuireadh ceud dolair de chàin air, agus fhuair e mios dhe ’n phriosan. Chaidh gill’ òg do ’m b’ ainm Iain Burrows, aois choig bliadhn’ deug, a mharbhadh ann am mèinn Springhill Di-satharna s’a chaidh, le torr cloich a thuiteam air. Bha aca ri chladhach as, agus mu’n d’ fhuair iad sin a dneanamh bha e marbh. Tha bràthair dha ag obair ann an aon de mhéinnean Cheap Breatunn. Tha Connolly, am fear air am bheil àmhrus gur h-e mharbh Oliver Fuller ann an >Avonport, N. S., mu mheadhon an earraich, a’ seasamh cùrtach ann an Kentville air an t-seachdain so. Cha do chuireadh crioch air a chàs fhathast, ach a reir gach coltais, tha Connolly ciontach, agus diolaidh e air a shon. Chaidh duin òg a mhuinntir Cheap Breatunn, Ioseph Mac Néill, a mharbhadh air an rathad iaruinn faisg air New Glasgow, ’sa mhaduinn Di-màirt. Bha e mu ochd bliadhna fichead a dh’ aois, agus bha e anns an obair-iaruinn am Ferrona o chionn da bhliadhna. Bu mhac e do Niall Mac Nèill, an Còbh a Bheabheir. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh gu bhi air adhlacadh. Tha na h-uisgeachan a bh’ ann air an t-samhradh so an deigh fàs math a thoirt air an fhiar, agus air corca ’s siol eile far an d’ fhuaradh a chur; ’s fhada bho nach robh coltas cho math orra mu ’n àm so. ’S e chuis a’s miosa gu robh an t-side cho fliuch gu ruige so ’s nach robh dòigh aig daoine air moran curachd a dheanamh, gu h-àraidh ann an àiteachan far an robh an talamh bog. Ach theagamh gu ’n tig side mhath an deigh so, agus ma thig, cha ’n eil e tuilleadh us anmoch fhathast. Tha muinntir Shidni a nise ’g obair air pàirce bhriagha dheanamh air rudha nam barracks. Tha ’m fearann sin a nise aig a’ bhaile air fhaotainn o’n àrd-riaghladh; tha beagan màil ri phàigheadh gach bliadhna, agus tha na barracks ri bhi air am fàgail aig na saighdearan, cho math ri àite air am bi iad a dol troimh chluich-airm; ach a mach o sin fhéin, ’s leis a bhaile an rudha, agus ’se ar barail gu bheiltear ’ga chur gu deagh bhuil ’nuair a thatar a’ deanamh pàirce dheth. Tha daoine ’g obair ann o chionn da sheachdain, ’ga ghlanadh ’s ga thiormachadh ’s a’ cur chraobhan ann. Tha iad air son e bhi ann an deagh uidheam romh latha na h-Iubili. Tha a phàirce gu bhi air a h-ainmeachadh air an latha sin. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Seall an so air an ath sheachdain. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. [TD 374] [Vol. 5. No. 48. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 371.) Ged tha aon no dha d’ar marbhrannan Gaidhealach airidh air urram, cha ’n eil moran, a mach bho na marbhrannan a gheibhear anns an t-seana bhardachd. Agus ged bhiodh iad na b’ fhearr na tha iad, tha iad, thar cheann, tuillidh ’us fada; agus, gu sonruichte, tha tuillidh ’s a choir ann diu. Ma bhitheas tu a’ cumha’ gach ni a chailleas tu, agus a’ deanamh marbhrann do gach neach a gheibh bàs, fasaidh an “Cumha” agus am “Marbhrann” air bheag luach. Tha mi meas gur ann mar so a thachair anns a’ Ghaidhealtachd. Cha ’n eil bàta a theid air creig, no gamhainn a bhriseas a chas, nach faighear cuid-eigin a ni oran cho tuirseach agus ged thigeadh sgrios air an duthaich. Cha ’n eil neach a gheibh bàs, ma chaidh e ’n urras ort ann am fiach crùin, no ma bha e cho caoimhneil agus nach b’ urrainn e ainfhiach a phaigheadh, no cho fialaidh agus gu ’n d’ thug e ’theaghlach gu bochduinn, nach faighear sgonn-bhard anns an sgireachd a bheir éubh cho goirt agus ged rachadh Cuilfhodair a chur ’s a chall as ùr. An ni a tha aig gach neach cha mhor is fiach e. ’S e gainnead an òir ann an tomhas mor a dh’ fhàg cho luachmhor e. Agus bhiodh na marbhrannan Gaidhealach na b’ airidh air cliù na ’m biodh iad na b’ annasaiche na tha iad. Theirear air uairean ’n ar measg: “Is fearr sgàineadh na biadh maith a leigeadh am mughadh;” ach saoilidh mi gur e is firinniche agus is freagarraiche a radh: “Is fearr sgur na sgàineadh.” Anns an linn Oiseinich bha am marbhrann buadhmhor mar theagasg; agus, mar a chunnaic sinn, bha i cliuiteach ’na gnè. Ach eadhon anns an àm sin bha i aontaobhach. Tha mi smuaineachadh gu ’m faod àm a bhi ann an eachdraidh sluaigh anns an coir leigeadh leis na mairbh cliù nam marbh a sheinn, mar a tha fios againn, air ughdarras neo-mhearachdach, gu ’m faod àm a bhi ann am beatha an duine an uair is e ’dhleasdanas “leigeadh leis na mairbh am mairbh fein adhlac.” Cha ’n eil mi ro chinnteach nach d’ thainig a leithid so de àm ann an eachdraidh nan Gaidheal an Albainn. ’S e cron ar latha-ne, tha mi meas, gu bheil ar suil a mhain ’n ar deigh. Cha ’n eil sinn a’ sealltainn mu ’n cuairt duinn no idir air thoiseach oirnn cho tric agus a bu choir dhuinn. Cha bu mhaith leam iarraidh air neach na bu lugha de thlachd altrum mu ’n àm a dh’ fhalbh, no na bu lugha de urram a thoirt do na daoine treuna a dh’ fhag an aimsir sin cho ionmholta agus cho iomraiteach. Is falluinn mhaiseach gradh do d’ shinnsearan airson sgeudachadh do ghiulain; ach ma bheathaicheas tu an inntinn a mhain air cuimhne na chaidh seachad, gheibh thu mach, an uair a bhitheas e tuillidh agus anmoch, gu’n robh thu ’g a beathachadh air plaoisg. ’S e ar dleasdanas amharc ’n ar deigh le tlachd agus le h-urram; ach is e gu sonruichte ar dleasdanas amharc mu ’n cuairt oirnn agus romhainn. Cuiridh sinn an t-urram is freagarraiche air an àm a dh’ fhalbh, agus bheir sinn a’ chliù is airde do na daoine o’n d’ thainig sinn, le bhi coimhlionadh dleasdanais ar latha fein air a leithid de dhoigh agus gu ’m bi ar giulan cothromach ann an sealladh an t-saoghail, agus gu sonruichte ann an sealladh ar coguis fein;—air a leithid de dhoigh agus an uair a thig an t-àm anns am bi sinne air ar n-aireamh am measg nam marbh, gu ’m bi ar cuimhne air a’ gleidheadh urail aig na ginealaich a thig ’n ar deigh, co-dhiu bhitheas no nach bi i air a sgriobhadh ann an leabhar no air lic, air chor agus gu ’m faodar a radh mu’r dheibhinn le firinn: “Ghluais na daoine ud iad fein air dhoigh a bha airidh air an latha fein, air an duthaich iomraitich d’ am buineadh iad, air na daoine treuna a bha air thoiseach orra, agus oirnne a thainig ’n an deigh.” D. M‘. K Long Mhor nan Eilthireach. LE TORMAID MAC LEAID, D. D. Air pileadh dhomh air m’ ais o I Chalum-Chille, thàinig sinn, air an aon fheasgar shàmhraidh a b’ àillidh a chunnaic mi riamh, do àite tearuinte fasgach, a tha ann an ceann a tuath an eilein Mhuilich. Air leam, nach faca mi cala loingeis idir a tha air a dhion o éirigh fairge agus o chumhachd stoirm mar tha e. Tha eilean fada caol ’ga chuairteachadh air an taobh a muigh, a’ sgaoileadh a sgiathan gu càirdeil mu’n cuairt air gach soitheach beag agus long, a tha ’g iarraidh fasgaidh ’na thaic o dhruim a’ chuain, no tha feitheamh ri sìd mara gus an rugha-mor a ghabhail. Air an làimh dheis mar chaidh sinn a stigh, tha’m fearann ag éiridh gu corrach cas. Bha sinn a’ seòladh ri bile nan creag, agus bha geuga nan craobh a’ lùbadh dlùth dhuinn. Thàinig fàileadh a’ bharraich oirnn air oiteag an t-sàmhraidh, agus bha mìl’ eun beag le’n ceileiribh binn a’ seinn air preas, a’ cur failte oirnn, ’nuair a bha sinn a seòladh seachad orra gu réidh sàmhach. Cha robh taobh a thionndaidhinn mo shùil nach robh ’n sealladh taitneach. Bha na beannta àrda Mòrchuanach, ’s iad uaine gu’m mullach; Suaineart le chnocaibh ’s le thulaichibh bòidheach, ’s an Leathar-Morthairneach a’ sineadh uainn, a’ deanamh gàirdeachas ann am blàthas an fheasgair shàmhraidh. Aig ceann shuas a’ chaoil chi mi, —“Bheinn àrd a’s àillidh sniamh, Ceann-feadhna nam mìlte beann; Bidh aisling nan damh ’na ciabh, ’S i leaba nan nial a ceann.” An uair a dhlùthaich sìnn a stigh, cha robh ri fhaicinn ach croinn nan loingeas, am brataichean a’ snàmh gu fann ris an t-soirbheas; ’s cha robh ri chluinntinn ach farum ràmh, a’s torman nan allt agus nan eas, a bha tuiteam o iomad sgàirneach àrd do’n chaladh a bha nis a’ fosgladh gu farsuing romhainn. O thaobh gu taobh do’n tràigh air an dara làimh, tha sràid do thighibh mora co geal ris an t-sneachd; ’s gu grad air an cùl tha uchdach chorrach chas, far am bheil an calltuinn, an caorann, agus an t-uinnseann a’ fàs gu dosrach, co dlùth direach os ceann nan tighean a tha fodhpa, ’s gu bheil an geugan, air leat, a’ lùbadh m’ am mullach. Air bràigh a’ bhruthaich chi thu ’chuid eile de’n bhaile eadar thu ’s fàire, ionnus gur duilich dhuit aite ’s bòidhche agus a’s neo-chumanta fhaicinn. Ach ’s ann a mach sa’ chaladh a bha ’n sealladh a b’ fhiach fhaicinn; na ficheadan soitheach eadar mhòr agus bheag, iomad eithear caol le ’n ràimh uaine, a’ bhìrlinn riomhach le ’siùil gheala, ’s an long-chogaidh le ’croinn arda ’s le brataich rioghail. Ach ’nam measg uile chomharraich mi aon long mhòr a thug bàrr orra air fad: bha iomad bàta beag a’ gabhail d’a h-ionnsuidh, a’s mhothaich mi gu’n robh iad a deanamh deas g’a cur fa sgaoil. Bha aon duine leinn a thainig oirnn aig cùlthaobh Mhuile, a’s gann a thog a cheann fad an latha, a bha nis ag amharc gu h-iomaguineach air an luing mhòir so. “An aithne dhuit,” thubhairt mi ris, “ciod i an long mhor so?” “Mo thruaighe,” a deir esan, “’s ann dhomh is aithne; ’s duilich leam gu bheil barrachd ’sa b’ aill leam do m’ luchd-eòlais innte: innte tha mo bhràithrean agus moran do ’m chaomh chàirdibh a’ dol thairis air imrich fhada mhuladach do Anerica mu thuath; agus is bochd nach robh agamsa na bheireadh air falbh mi cuideachd.” Tharruing sinn a hunn g’an ionnsuidh; oir tha mi ’g aideachadh gu’n robh toil agam na daoine blàth-chridheach so fhaicinn, a bha ’n diugh a dol a ghabhail an cead deireannach a dh’ Albuinn, air tòir dùthcha far am faigheadh iad dachaidh bhunaiteach dhoibh féin agus d’an teaghlaichibh. Cha’n eil e comasach a thoirt air aon duine nach robh san làthair, an sealladh a chunnaic mi ’n so a thuigsinn. Cha tig an là a theid e as mo chuimhne. Bha iad an so eadar bheag agus mhor, o’n naoidhein a bha seachduin aois a dh’ ionnsuidh an t-seann duine a bha tri fichead bliadhna ’s a deich. Bu deistinneach ri fhaicinn an tròm-mhulad—an iarguinn inntinn,—an imcheist, ’s am briseadh cridhe a bha air a dheargadh gu domhainn air aghaidh na cuid bu mho dhiubh, a bha ’n so cruinn o iomad eilean agus earrann do’n Ghaeltachd. Bheachdaich mi gu h-àraid air aon duine dall aosmhor, bha a ’na ’shuidhe air leth, a’s triùir no cheathrar do chloinn ghillean mu’n cuairt da, a shean ghàirdeana thairis orra, iad a’ feuchainn co bu dlùithe a gheibheadh a stigh r’a uchd, a cheann crom os an ceann, ’fhalt liath agus an cuaileanna dualach donn-san ag amaladh ’na chéile, agus a dheòir gu trom frasach a’ tuiteam thairis orra. Dlùth dha aig a chosaibh bha bean thlachdmhor ’na suidhe ag osnaich gu tròm ann an iomguin bròin; agus thuig mi gu’m b’e a fear-pòsda a bha spaisdearachd air ais agus air aghart le ceum [TD 375] [Vol. 5. No. 48. p. 7] goirid, agus le làmhaibh paisgte. Bha sealladh a shùl luaineach neo-shuidhichte, agus ’aghaidh bhuairte ag innseadh gu soilleir nach robh sith ’na inntinn. Tharruing mi dlùth do’n t-seann-duine, agus dh’ fheòraich mi dheth ann an caoimhneas cainte, an robh esan ann am feasgar a làithean a’ dol a dh’ fhàgail a dhùthcha? “Mise,” deir esan, “a’ dol thairis! cha ’n eil! Air imrich cha teid mise gus an tig an imrich a tha feitheamh oirnn air fad; agus an uair a thig, cò an sin a theid fo m’ cheann do’n chill? Dh’ fhalbh sibh! dh’ fhalbh sibh! dh’ fhàgadh mise ’m aonar an diugh, gu dall aosda, gun bhràthair, gun mhac, gun chùl-taice; agus an diugh, là mo dhunaich, Dia thoirt maitheanas domh, tha thusa, ’Mhairi, mo nighean, m’ aon duine cloinne, le m’ oghaichibh geala gaolach, a’ dol gu m’ fhàgail. Tillidh mis’ an nochd do’n ghleann ud thall; ach cha’n aithnich mi an làmh a tha ’ga m’ threòrachadh: cha tig sibhse, a leanaba mo ghràidh, a mach an coinneamh an t-seann-duine: cha chluinn mi tuillidh briagail ’ur beóil ri taobh na n-aibhne; ’s cha ghlaodh mi tuillidh, ge nach bu léir dhomh ’n cunnart. Fuirchibh air ’ur n-ais o’n t-sruth: ’nuair a chluinneas mi tabhunn nan con, cha leum mo chridhe ni ’s faide, ’s cha’n abair mi, Tha mo lean aban a’ teachd. Cò a nis a stiùras mi gu fasgadh ’n tuim, ’s a leughas dhomh an leabhar naomha: c’ait, an ath-oidhche, ’nuair a theid a ghrian fodha, am bi sibhse, a chlann mo rùin; agus cò a thogas leamsa laoìdh an anmoich?” “O! athair, ars’ an nighean, ’s i dlùthachadh ris, “na bristibh mo chridhe.” “Am bheil thu ’n so, a Mhàiri,” a deir e; “c’àit am bheil do làmh? Thig ni’s dlùithe dhomh, m’ fheudail thu do mhnàibh an domhain, is sòlasach leam do ghuth. Tha thu ’dealachadh rium:—cha ’n eil mi cur iomchoir’ ort, ’s cha mho tha mi gearan. Falbhh, tha mo làn chead agad, tha beannachd do Dhé agad. Bi thusa mar bha do mhàthair romhad, dleasdanach. Air mo shonsa, cha’n fhada bhitheas mi: chaill mi ’n diugh mo gheugan àillidh, agus is faoin an oiteag a leagas mo cheann; ach fhad ’s is beò mi seasaidh Dia mi: bha e riamh leam anns gach cruaidh-chàs, agus cha tréig e nis mi. Dall ’s mar tha mi, tha e féin, buidheachas d’a ainm, a toirt domh sealladh air mo charaid is fèarr air a dheas-laimh, agus ’na ghnùis is léir dhomh caomhalachd agus gràs. Tha mi sa’ cheart àm so a’ faotainn neart uaithe. Tha ’gheallanna teachd dhachaidh gu m’ chridhe. Feudaidh meanglain eile fàilneachadh; ach cha searg craobh na beatha.—Am bheil sibh air fad làimh rium?” a deir e: “éisdibh; tha sinn a nis a’ dealachadh: tha sibhse a dol do dhùthaich fad’ as, agus is math a dh’ fheuidte mun ruig sibh, gu’m bi mis’ anns an dùthaich àrd-ghrianach, far am bheil dòchas agam gu’n coinnich sinn fathast a chéile, far nach bi imrich no dealachadh a chaoidh: cha bhi; oir cha ’n eil sannt no ciocras oir air nèamh. Bithidh sinn an sin gu siorruidh le chéile, agus gu siorruidh le Dia. Siabar gach deur o’n t-sùil, agus bithidh la a bhròin thairis. Bithibh cuimhneach air Dia ’ur n-aithriche, ’s na tuitibh o aon deagh chleachdadh a dh’ fhoghluim sibh. Moch agus anmoch lùbaibh an glùn, mar a b’ àbhaist duinn, agus togaibh an laoidh. Agus sibhse, mo leanabana, a bha mar shùilean agus mar luirg dhomh; sibhse a shaoil mi a chàireadh an fhòid ghorm tharam, an éigin duinn dealachadh?—Dia a chuideachadh leam!” Cha b’ urradh dhomh fuireach ni b’ fhaide: bha gheola bha gus an seann duine a thoirt gu tìr a’ tarruing suas ri cliathach na luinge: chaidh iadsan a bha feitheamh air a dh’ innseadh dha gu’m feumadh e falbh. Theich mi uatha: cha robh e ann am chomas a bhi ’m fhianuis air an dealachadh bochd. Thachair tarbh crosta uair air duine bha car faoin, agus ghabh e na bhad gus a reubadh. Bha bata mor glas aig an duine, agus chum e a nàmhaid air falbh leis, gus an d’ fhuair e cothrom air greim a dheanamh air earball a bheothaich. Chum e a ghreim gu daingeann, agus dh’ éirich e air leis a bhata mu na cliathaichean, gus mu dheireadh an robh an tarbh bochd a raoiceil aige. “Faodaidh tusa sin,” ars esan, “ach ’s math an airidh; tha fhios agad gle mhath gur tu fhéin a thòisich. Cha mhor is fhiach an càirdeas nach ruig thu ’nuair a bhios trioblaidean agus ànraidhean an t-saoghail a cur cruaidh riut. Cha ’n eil annta-san nach bi ’nan càirdean dhuit ach a mhàin nuair a bhios gach ni a’ dol gu math leat, ach nàimhdean—madaidh-alluidh ann an cullaibh chaorach. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd CARADH Uaireadairean. Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Gach seorsa bathair AIG McDonald Hanrahan & Co., SIDNI C. B. BATHAR MATH. PRISEAN ISEAL. [TD 376] [Vol. 5. No. 48. p. 8] Iain Ghlinne Cuaich. Ach Iain Ghlinne Cuaich Fear do choltais cha dual da fàs Do chùl bachlach nam buadh Air a phleatadh mu ’n cuairt gu bhàrr; Beir an t-soiridh seo bhuam Dh’ ionns’ an fhleasgaich is uaisle dreach Air na bhuilich mi m’ ghaol ’S a chuir saighead an aoig fo m’ chneas. Shaoil, nach cuimhn’ leat an la A bha sinn san àth leinn féin stu nach dianadh, ghaoil, m’ àicheadh Nam bithinn-s’ san àm ga d’ réir; Ach c’uim bhithinn-s’ fo ghruaim Ged tha mi san uair gun chéill, chaora bhi slàn ’S am madadh bhi làn d’a réir. Cha tug mise mo speis Do dh’ fhear eil’ tha fo ’n ghréin ach thu, S cha toir as do dhéigh Gus an càirear mi ’n céis tha dùint; Ach Iain ’s a ghaoil Ce mar chuir thu mi faoin air chùl, Gun chuimhn’ air a ghaol Thug sinne mar aon an tùs. Cha b’e doire gun diù As na bhuainear a fiùran àrd. Slat na choille thiugh dhlùth Air a lùbadh le mios gu làr; Is e do phearsa dheas ghrinn Dha ’n tug mise mo ghaol thar chàch; Cha ’n eil cron ort ri inns’ O mhullach do chinn gu d’ shail. Slat dhe ’n chraoibh a b’ àillt As a ghàradh am biodh na h-eòin, ’S cha b’e umaidh nan Gall Dha ’n do chrom mi mo cheann co mòr, Far am biodh ’n t-abhull fo bhlàth ’Sa ghàradh am biodh na seòid, ’S cha b’e crionach nan crann Dha ’n tug mise mo ghaol ’s mi òg. Is iomad maighdinn ghlan òg Thig le furan a’d’ chòir air stràid, Ged tha m’ fhorstan-s’ cho cruaidh ’S gu ’n d’ thug mi dhut luaidh thar chàch; Ach an trian chuid de d’ chliù Cha chuir mise an céill an tràths, Gun eòlas as ùr Gus am fiosraich mi thu ni ’s fheàrr. B’e miann mo dhà shùl Bhi ’coimhead gu dlu a’d’ dhéigh, ’S gu ’m b’ airidh mo rùin-s’, Air bean-oighre a chrùin fo sgéith. Bha mi uair ’s cha do shaoil Gu ’m bithinn cho faoin mi féin, ’S gu ’n tugainn mo ghaol Do dh’ fhear a choimhdeadh cho faoin a’m’ dhéigh. Ach ’se beus do gach aon De mhnathan an t-saoghail gu léir, Bhi ga ’m mealladh araon Le sgeulachdan faoin a béul. Cha d’ thug mise mo ghaol Air dhòigh ’s gu ’m faod mi chleth, Cha b’e ’n giullan bochd truagh Ris na tharruinn mi suas mar fhear; Ach an t-òigear deas ùr Cas a dhireadh nan stùc-bheann bras, Dhianadh fuil air an driùchd Leis a ghunna nach diùlt an t-srad. Ach Iain a ghaoil Nach truagh leat mi mar a tha, Liuthad là agus uair Chuir thu ’n céill gu ’m bu bhuan do ghràdh, Ma rinn mi ni suarach No ma choisinn mi t’ fhuath no t’ fhearg Mo bheannachd ad dhéigh Fiach an gléidh thu dhut féin ni ’s fheàrr. Nis imich thusa mar ’s àill Dh’ ionns an té dha ’m beil gràdh agad fhéin, Ach mas e mise ta ’n dàn Cha ’n fhaigh téile gu brach mo bhréid; ’S ce mar bhithinn fo bhròn ’S a liuthad fear òg as mo dheigh Nach cunntadh an t-òr ’Chur a cheannach mo bhròg gu féill. Gath-soluis o na Laithean a dh’ Aom. Ged ’s cian uam an tir ’m beil mo shinnsrean na ’n cadal, ’S an làrach ’bha caidreach ’s na bliadhnaibh a thréig, Mo dhurachd do ’n àit tha mar bha e gun chaitheamh, Ach ’s tric thug fonn m’ aigne orm frasadh nan déur, ’S mi meorachadh annsachd sean am, ’s mi gun chùram, ’Streap stallachan udlaidh, ri ’m bruchd am muir-lan, No sios taobh nan alt ’ruith gu cam-mheurach lùbach, Le cairdean nach dù dhomh ’bhi ’n dluths riu gu brach. ’N sin madainn na h-òig’ bha gun cheò oirr’ a’ laidhe, A’s deothas lan-aighear thog caisteil ri neamh, Bha ’n inntinn gun chùram mu chùis an ath-latha, ’S bha dòchas na beatha air dhreach bhogh na spéur. ’S an tir mu ’n iadh ’n Cuan-deas, a’s nualanach seitrich, ’S am faicear an Réul-chrois a’ faire na h-oidhch’, ’S Firchlise na h-iarmailt na ’n stialaibh a’ leumraich, Gu mireagach, eibhinn, crith-dhearsach, ri soills’, Tha ’n diugh ’m ionad taimh,—ach ’s iad beanntan na h-Alba, Ni neoil dhubh a chearbadh, ’s ri stoirm chumas gleachd, ’S na coireachan garbhlaich, le ’n sruthanan airgid, A mhosglas an aimsir a dh’ fhalbh ann a’m bheachd. A nis mar tha laithean nam bliadhna a’ triall orm, Mar a’ ghrian ’cromadh sios a chum paillian a taimh, Tha solus do m’ chois air mo rathad, gun chiaradh. Mar dhealradh ’s an iar, ann am briadhad ’toirt barr. Le foighidin feitheam-sa gairm Thriath na tire, ’M beil ailleachd gun dith, ’s far nach ciosnaich am bròn, ’S fiamh bais agus uaigh theid air fuadach da rireadh, ’S, le faoilteachas cri, thig seann dislean a’m choir. Chuir maighstir-sgoile a cheist o chionn ghoirid:—“Có’n duine ’s àirde tha ’m Breatunn aig an àm so? “Fhreagair gille beag, “Le’r cead, an duine tha ’g innse na sìde air mullach Beinn Nimheis.” THA DROCH ANAIL mi-thaitneach. Tha géireachd, losgadh-bràghaid, gaotharachd, agus meuran eile de Chion-cnamhaidh a deanamh iomadh neach mi-shona. Bheir K. D. C. agus K. C. C. Pills an anail gu bhi mar is còir dha bhi, agus leighsidh iad cion-cnamhaidh, ’s gach seòrsa tinneas-stamaig. AIR AN DEAGH MHOLADH. Sampuill a Nasguidh. K. D. C. Company, Limited, New Glasgow, N. S., and 127 State St. Boston Mass. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram, Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. CUIR A DH’ IARRAIDH A MHAC-TALLA $1.00 SA BHLIADHNA. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 377] [Vol. 5. No. 49. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. V. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 26, 1897. No. 49 [Dealbh] BAN-RIGH VICTORIA; Gearr-chunntas air Eachdraidh a Beatha. LEIS AN URR. CALUM CAIMBEUL. Tha Iubili Dhaoimean na Ban-righ air a’ chumail le sluagh Bhreatuinn anns gach àite de ’n impireachd uile. Tha e iomchuidh gum biodh sin mar sin. Cha’n ann a h-uile latha bhios cothrom air a leithid sud a thachartas a chumail. Cha do thachair a leithid riamh roimhe an eachdraidh Breatuinn, agus ’se a’s dòcha gu’n teid iomadh linn seachad m’an tachair a leithid a rithist. Ma tha Gaill mar so a nochadh an speis ’san dilseachd, cha bhuin e do Ghàeil na h-Alba, na do’n cloinn am mor-roinn Chanada, a bhi air deireadh ann a bhi nochdadh an deagh dhùrachd do ’m Ban-righ. ’S mo làmhsa nach bi iad ann a sin. ’S comuin daibh an gràdh do n Bhan-righ a thaisbeanadh mar so; ’s fhada o’n thòisich ise air a nochdadh gu’n robh deadh rùn aice dhaibhsan agus mòr-earbsa nan dìlseachad. Thainig Uictoria thun na Righ-chathrach anns an Og mhios an 1837—tri fichead bliadhna an ama-sa. Bha i ’n uair sin na maighdinn òig, ochd bliadhna deug a dh’ aois. B’ aon duine cloinne a h-athar, Diuc Chent, i. Chaochail e ’nuair a bha i na naoidhean beag. Bha i mar sin air a fàgail gu h-iomlan fo chùram a màthar, a thog suas i le mor aire, agus a thug dhith foghlum freagarrach air son a h-inbhe mar bhan-phrionnsa rìoghail. Bha i mar sin ullaichte air son na h-àrd-inbha dh’ ionnsaidh an robh i air a gairm, cha’n ann a mhàin le àrd-bhuadhan inntinn a bha aice, ach mar an ceudna le teagasg agus eisimpleir mhaith a deagh mhàthar. Anns a bhliadhna 1840 phòs i Prioinns’ Albert á Sacs Coburg—Prionns’ air an robh mor mheas aig sluagh Bhreatuinn fhad ’s bu bheò e agus air an robh mor chaoidh an deigh a bhàis. Tha àireamh de chaistealan aig a Bhanrigh anns a’ bheil i ’cur seachad greis de’ h-uine gach bliadhna, ach nam measg uile, cha’n ’eil dachaidh aice a tha cho taitneach leatha ri caisteal Bhalmoral anns a Ghaidhealtachd. Tha ’n caisteal so a measg nam beann ri taobh abhuinn Dee, am Bràigh Mhar. ’Se ’n Dr. Clark, aon do lighichean na Ban-righ—e fhéin o thir nam beann—a chomhairlich, an 1848, do’n teaghlach rioghail dol do’n Ghaeltachd air so an slàinte. Ghabh Prionis Albert aonta de chaisteal beag am Braigh-Mhàr o Thighearn’ Abaireadhain. Chòrd an t-àite ris a Phronnsa agus ris a Bhan-righ cho maith ’s gun do cheannaich e mir fearainn á ghrunnd, ’s gun do thog e caisteal maiseach Bhalmoral ann; uaithe sin cha’n ’eil bliadhna nach eil a Bhan-righ a cur seachad greis, de a h ùine anns a Gàeltachd. Am Balmoral cha’n ’eil feum air freiceadan ann. Theid i mach a measg [?]ich, gabhaidh i straid-cheum an cois na h-aibhhne, no theid i suas uchdach na beinne os ceann a chaisteil, gun cnùran, gun eagal, le làn earbsa gu bheil gach Gàel anns an tir càirdeil agus dileas dhith. Cha robh i riamh air a mealladh anns an earbsa so. Bha ionnsaidh air a thoirt caochladh uairean air a beatha, ach cha b’ ann ’s a Gaeltachd, agus cha bu Ghàel aon duine de na ciontaich. Anns a bhliadhna 1871 phòs Marcus Lathuirn ban-phrionnsa Louisa, ceathramh nighean na Bàn-righ. Bha mar so aon do’n teaghlach rioghail air a pòsadh ri neach a bhuineadh d’a rioghachd fhéin, ni nach do thachair a leithid fad da cheud bliadhn’ air ais. Dh’ aon so an teaghlach rioghail agus aon do theaghlaichean urramach na Gàeltachd, teaghlach Earraghael, gle dhlùth ri chéile. Thug e mòr thoileachadh do na Gael gu’r ann ’s a Ghaeltachd a fhuaradh duine do nighean na Ban-righ, rud nach d’ fhuaireadh am Breatuinn gu léir fad cheudan bliadhna roimhe sin. Cha robh dearbhadh bu mhotha na sud a b’ urrainn Uictoria a thoirt air a gràdh do na Gael; agus air a bheachd àrd a bha aic’ orra. ’S fhad’ o’n bhuinig Ban-righ Bhreatuinn inntinn an t-sluaigh do bhrigh caomhalachd a cridhe. Tha e air innse gun robh sean duine, air latha a crùnaidh, a tighinn am (Air a leantuinn air taobh 380.) [TD 378] [Vol. 5. No. 49. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. V. An uair a chuala Sobaide na briathran so, sheall i le aghaidh ghruamach air na fir. Thuirt i ris an righ, agus ris a’ chuid eile de ’n chuideachd, “Am bheil e fior, a dhaoin’-uaisle, gu’n d’ iarr sibh air a’ cheisd so a chur ormsa?” Dh’ aidich iad gu leir, ach an t-ard-chomhairleach ’na onar, gu’n d’ iarr iad air a’ phortair ’a cheisd a chur oirre. Ann am briathran a bha ’nochdadh gu’n robh i gle fheargach riutha, labhair i mar so:— “Mu ’n d’ thug sinn cead dhuibh tighinn a steach do ’n taigh, air eagal gu ’n cuireadh sibh dragh oirnn ’s gun againn ach sinn fhein, chuir sinn mar chumhnant oirbh nach abradh sibh facal mu dheidhinn ni sam bith nach buineadh dhuibh, air eagal gu’n cluinneadh sibh nithean nach cordadh ribh; agus an deis dhuinn ur leigeadh a steach, agus caoimhneas a nochdadh dhuibh, cha d’ rinn sibh mar a gheall sibh. Tha e fior gun teagamh sam bith gur e an doigh shaorsnail anns an do ghnathaich sinne sinn fhein ’n ’ur lathair bu choireach ri sibhse a dheanamh mar a rinn sibh; ach cha leithsgeul dhuibh sin air son sibh a bhith cho mi-iomchuidh ’n ’ur gluasad ’s a bha sibh.” An uair a thuirt i so, bhuail i a cas gu laidir tri uairean air an urlar, agus bhuail i a basan tri uairean ri’ cheile, agus thuirt i, “Greasaibh a steach.” Ann an tiotadh dh’ fhosgladh an dorus, agus leum seachdnar de dhaoine dubh’ a steach do ’n t-seomar le claidhnean ruisgte ’n an laimh. Rug iad air fear an t-aon de na daoine a bh’ anns an t-seomar, agus leag iad air teis meadhain an urlair iad gus na cinn a thoirt dhiubh. Tha e furasda dhuinn a thuigsinn gu ’n robh eagal gu leor air an righ. Bha aithreachas gu leor air nach d’ fhan e samhach mar a dh’ iarr an t-ard-chomhairleach air. Ach cha deanadh aithreachas feum sam bith anns an àm. Bha iad uile air thuar am beatha ’chall air shaillibh a bhith ’gabhail gnothaich ri nithean nach buineadh dhaibh. Ach an deis dhaibh na daoine a leagadh air an urlar, thuirt fear de na daoine dubha ri Sobaide ’s ri ’dithis pheathraichean, “Mo bhana-mhaighstirean moralach, urramach, am bheil sibh ag ordachadh dhuinn na cinn a thoirt dhiubh.” “Deanaibh foighidinn,” arsa Sobaide. “Feumaidh mi an ceasnachadh an toiseach.” Thuirt am portair ’s e air chrith leis an eagal: “An aimn ni math gabhaibh truas dhiom, agus na cuiribh gu bas mi air son cionta dhaoine eile! Tha mise gle neo-chiontach—is ann acasan a tha ’choire. Mo leireadh! nach bu taitneach a chuir sinn seachad an uine mu ’n d’ thainig na caladairean. Is iadsan a thug am mi-fhortan so oirnn. Tha iad a’ deanamh dragh’ agus aimhreit anns gach baile do ’n teid iad. A bhean-uasal choir, tha mi ’guidhe ort nach cuir thu an neo-chiontach gu bas maille ris a’ chiontach. Thoir fa near gu ’m bheil e moran ni ’s cliuitiche mathanas a thoirt do chreutair truagh mar a tha mise, aig nach ’eil doigh air mi fhein a chuideachadh, na mo chur gu bas ann am feirg.” Ged a bha fearg air Sobaide, cha b’ urrainn i gun ghaire a dheanamh ’na h-inntinn an uair a chuaia i a’ chaoidh ’s a’ ghearain a bh’ air a’ phortair. Ach cha do leig i oirre gu’n cuala i e. Thionndaidh i ris an t-siathnar eile, agus thuirt i, “Innsibh dhomhsa co sibh, ar neo cha bhi an tuilleadh saoghail agaibh. Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gur daoine onarach a th’ annaibh, agus cha mho a tha mi ’creidsinn gu’m bheil ughdarras no urram agaibh anns na duthchannan do ’m buin sibh; oir nam biodh sibh modhail, uasal, urramach ’n ’ur duthaich fhein, bhiodh sibh air a’ cheart doigh anns an duthaich so.” Bha ’n righ gu nadarra gle neo-fhoighidneach, agus bha e moran ni bu neo-fhoighidniche na cach an uair a chunnaic e e-fhein ’na shineadh air an urlar, agus a bheatha fo bhinn boirionnaich a bh’ air a brosnachadh gu feirg. Ach an uair a chunnaic e gu ’n robh i toileach fios fhaotainn co iad, ghabh e rud eiginn de mhisnich; oir bha e ’smaoineachadh gu’n leigeadh i a bheatha leis an uair a gheibheadh i am mach co e. Air an aobhar sin thug e cogar do ’n ard-chomhairleach, ag iarraidh air innseadh dhi gun dail co e. Ach bha ’n t-ard-chomhairleach ni bu ghlice na gu ’n cuireadh e leithid a dh’ eas-urram air a mhaighstir ’s gu’n innseadh e gu’n do chuir e e-fhein ’na leithid de chrois le cion smaointean. Thuirt e gu beag ris an righ, “Tha sinn a’ faighinn an ni a thoill sinn.” Ach ged a bhiodh toil aige comhairle an righ a ghabhail, cha ’n fhaigheadh e uine gu labhairt; oir labhair Saobaide ris na caladairean, agus thuirt i, “An e triuir bhraithrean a th’ annaibh?” Fhreagair fear diubh agus thuirt e, “Cha ’n e; oir ged a tha sinn a’ caitheamh ar beatha air an aon doigh, agus a’ caitheamh an aon seorsa eididh cha ’n ’eil sinn daimheil dha cheile idir.” “An robh an t-suil dheas g ’ur dith an uair a rugadh sibh?” ars’ ise. “Cha robh,” ars’ esan, “Chaill mise mo shuil ann an doigh a chuireadh ioghnadh oirbh, agus a bheireadh fiosrachadh do gach neach, nam biodh e air a sgriobhadh. Agus an deis do’n mhi-fhortan so tighinn ’nam rathad, thug mi dhiom m’ fheusag agus lom mi mo mhalaidhean, agus chuir mi umam eideadh caladair.” “Dh’ fhaighneachd Sobaide a’ cheirt cheisd de’n da chaladair eile, agus thug iad an fhreagairt cheudna oirre. Ach thuirt am fear mu dheireadh a labhair; “Cha daoine cumanta sinn idir. Is e ’th ’annainn clann thri righrean. Agus ged nach do thachair sinn ri’ cheile riamh gus an diugh, fhuair sinn uine gus ar n-eachraidh innseadh do chach a cheile; agus tha mi g’ innseadh dhuibh le firinn gu ’n robh na righrean o’n d’ thainig sinn ainmeil anns an t-saoghal.” An uair a chuala Saobaide na briathran so dh’ fhas i ni bu shiobhalta riutha, agus thuirt i ris na seirbhisich dhubha a bha deas gus na daoine a mharbhadh, “Leigibh an cead fhein dhaibh car uine, ach fanaibh anns an t-seomar. An fheadhainn a dh’ innseas dhuinn eachdraidh am beatha, agus an t-aobhar air son an d’ thainig iad an so, cha dean sibh cron sam bith orra, ach leigibh leotha a dhol taobh sam bith a thogras iad. Ach an fheadhainn nach dean so, cuiribh gu bas iad.” Bha ’n t-seachdnar fhear ’nan suidhe air an urlar, ann am meadhain an t-seomair mu choinneamh nam mnathan-uaisle. Bha iadsan ’nan suidhe air langsaid, agus bha na seirbhisich ’n an seasamh, deas gus ni sam bith a dh’ iarrtadh orra a dheanamh. Thuig am portair gu’n rachadh aige air e fhein a thoirt as a’ chunnart ’s an robh e le eachdraidh innseadh, agus b’ e a’ cheud fhear a labhair. Thuirt e, “A bhean choir, tha fhios agad air m’ eachdraidh mar tha, agus c’ ar son a thainig mi an so; agus mar sin, cha ’n ’eil agam ach beagan ri radh. Bhruidhinn do phiuthar ruim ’s a ’mhadainn an diugh, agus mi ’feitheamh feuch an tugadh neach sam bith obair dhomh leis an coisninn mo lon, agus dh’ iarr i orm a leantuinn a chum gu ’n giulaininn gach ni a bha i gus a cheannach. Lean mi i o bhuthaidh air feadh a’ bhaile gus an do cheannaich i luma-lan na bascaid a bh’ agam. An uair a bha ’bhascaid cho lan ’s nach gabhadh i an corr, thainig mi an so leatha. Rinn sibh de dh’ fhabhar rium na leig dhomh fuireach gus a nis,—fabhar nach dichuimhnich mi ro mo bheo. Sin agad, a bhean choir, m’ eachdraidh-sa.” An uair a dh’ innis am portair ’eachdraidh fhein, thuirt Sobaide ris, “Bi gabhail air falbh, agus na faiceamsa an so thu gu brath tuilleadh.” “A bhaintighearna choir,” ars’ an portair, “tha mi ’guidhe ort, leig dhomh fuireach. An deis do chach m’ eachdraidh-sa a chluinntinn, cha bhiodh e ceart mo chur air falbh gus an cluinn mi an eachdraidh acasan.” An uair a thuirt e so, shuidh e ann an aite air leith, agus bha e toilichte gu’n d’ fhuair e saor as a’ chunnart ’s an robh e. An sin thoisich fear de na caladairean ri innseadh eachdraidh a bheatha fein. Thuirt e mar so:—“A bhaintighearna, a chum gu ’n tuig thu cia mar a chaill mi mo shuil dheas, agus c’ar son a tha mi ann an eideadh caladair, feumaidh mi innseadh dhut gur mac righ mi. Bha brathair m’ athar mar an ceudna ’na righ air rioghachd a bha faisge air an rioghachd aig m’ athair. Bha mac aig brathar m’ athar a bha mu ’n aon aois rium fhein. [TD 379] [Vol. 5. No. 49. p. 3] An deis dhomh lan fhoghlum fhaighinn mar a bha freagarrach do ’m shuidheachadh bha mi ’dol uair ’s a’ bhliadhna a dh’amharc, air brathair m’ athar, agus bha mi ’fuireach da mhios maille ris. Mar a bha nadarra gu leor, bha mi ’caitheamh an earrann bu mho de ’n uine so ann an cuideachd mhic brathar m’ athar. Dh’ fhas sinn gle mheasail, agus gle mhiadhail air a cheile, mar a bha sinn a’ fas ni b’ eolaiche air a cheile. An uair mu dheireadh a chunnaic mi e, bha e ni bu chaoimhneile rium na bha e riamh roimhe. Air latha araidh rinn e cuirm mhor mar urram dhomhsa. Thug sinn uine fhada aig a’ bhord. Agus an deis dhuinn ar suipear a ghabhail, thuirt e rium, “Is gann gu ’n tomhais thu cia mar a bha mi cur seachd na h-uine o ’n a bha thu an so mu ’n am so an uiridh. Bha moran dhaoine agam aig obair a bha toil agam a chriochnachadh. Thog mi taigh mor, agus tha e nis deas air son a dhol a ghabhail comhnuidh ann. Cha mhisde leat mi ’g a shealltainn dhut. Ach feumaidh tu an toiseach do mhionnan a thoirt dhomh nach innis thu do dhuine beo ni m’ a dheidhhinn.” O ’n a bha meas mor agus eolas fada againn air a cheile, cha b’ urrainn domh ni sam bith a dhiultadh dha. Thug mi mo mhionnan gu toileach dha mar a dh’ iarr e orm. An sin thuirt e rium, “Fan an so gus an till mi—cha bhi mi tiotadh air falbh.” An uine ghoirid thill e, agus bean-uasal og aige air laimh. Bha i ann an trusgan anabarrach riomhach, agus bha i ’n a boirionnach cho briagha ’s a chunnaic mi riamh. Cha d’ innis e dhomh co i, agus bha e mi-mhodhail leam fhaighneachd. Shuidh sinn a rithist aig a’ bhord, agus a’ bhean-uasal comhladh ruinn. Thug sinn greis mhath air comhradh mu chaochladh nithean, agus bha sinn an drasta ’s a rithist ag ol air a cheile. Mu dheireadh thuirt e rium, “Cha ’n fhaod sinn a bhith call na h-uine. Eirich agus thoir leat a’ bhean-uasal so air laimh, agus rach leatha a dh’ ionnsuidh ionaid anns am faic thu aite-adhlacaidh a tha air ur-thogail, agus mullach cruinn air. Tha e furasda gu leor dhut aithneachadh, oir tha ’n dorus aige fosgailte. Theirigibh a steach ann le cheile, agus fanaibh ann gus an tig mise, agus cha chum mi fada ’feitheamh sibh.” (Ri leantuinn.) Ian Caimbeul, Bard na Leideige. LE FIONN. Is ann le mor mhulad a chuala sinn an sgeul cràiteach gu ’n do chaochail Bàrd caoin na Leideige air a’ cheathramh là de ’n Bhealltainn, na dhachaidh fhéin— “’S an Leideig uain’ ri taobh na tràigh.” Bu mhiann leinn beagan aithris mu ’n Bhàrd, oir cha ’n eil teagamh nach eil moran d’ ar luchd-leughaidh a chual’ iomradh air, oir chaidh a chliù am fad ’s am fagus. Rugadh am bàrd anns an Oban Lathurnach ’s a’ bhliadhna 1823, ach chaidh a mhuinntir air imrich do ’n Leideig ’n uair a bha esan ’n a naoidhean. Bha ’athair, Cailean Caimbeul, ’na mhaighstir-sgoil anns an Leideig, taobh Loch-éite, rè chòig-bliadhn’-deug thar fhichead. B’ e togradh Iain, miann ’athar agus rùn a mhàthar, e ’bhi ’na mhinistear, ach b’ fheudar dha dùil thairis a thoirt de ’n togradh so, oir bhrist air a shlàinte mu ’n robh e ach ’na ghiullan. Le cridhe goirt chuir e a leabhraichean air chùl, agus thug e am baile-mòr air, an tòir air obair. Cha robh e fada ’n Glascho ’n uair b’ fheudar dha tilleadh dhachaidh. Cha do chòrd tòchar ’us ùpraid a bhaile-mhòir ris-san a chleachd àile ghlan nam beann agus anail fhuar na mara. Mu bhruachaibh na Leideige fhuair e tomhas de shlàinte agus thòisich e ri gàirneilearachd. Fhuair e air aghaidh uidh air n-uidh, gus mu dheireadh an robh sgeòd mhath thalaimh aige fo mheasan. A bharrachd air a’ ghàrneilearachd, bha e ’na “postmaster” anns a’ cheàrnadh sin de ’n dùthaich, agus mar so bha e féin agus a theaghlach cliùiteach, air an cumail ann an làn obair. An àm an Dealachaidh thilg e ’chuid ’s a chranuchur leis a’ bhuidheann a dh’ fhàg an Eaglais Stéidhichte, agus bha e na fhoirfeach ann an Eaglais Shaoir Aird-Chatain, air thùs ’s air thoiseach anns gach deadh obair. Bho chionn còrr agus dà fhichead bliadhna bha e air ceann Sgoil Shàbaid a bha ’cruinneachadh gach Dònach ann an uamh a tha faisg air dachaidh a’ bhàird. Thuit dhuinn a bhi air aoidheachd le ’r caraid o chionn beagan bhliadhnachan agus chuir sinn seachad feasgar na Sàbaid leis féin ’s le ’chròilean anns an uamh so. Tha an uamh blàth, seasgair, le àite-teine ’s le uinneig, agus mar so tha ’chlann comhfhurtachail a shamhradh ’s a gheamhradh. Anns a’ chùileig uaignich so, a chumas mu dhà fhichead de chloinn, agus a tha mar is trice lomalàn, tha am bàrd mar athair ’s mar oide-fòghluim do ’n òigridh. Bha am bìobull air a leughadh leis a’ chloinn ’n an cànain féin, agus bha teagasg, comhairle ’us eòlas air an toirt dhaibh ann an Gàidhlig bhlasda na dùthcha. Bu taitneach dà rireadh a bhi ’g éisdeachd ris a’ bhàrd theò-chridheach ann am briathran caomha, càirdeil, a’ guidhe gu dùrachdach air an òigridh iad a bhi glic, stuama; cuimhneachail air Dia, ùmhal d’ am pàrantan, uasal ’nan dòigh ’s ’nan giùlan, agus caoimhneil ris na h-uile. Bha mar so an òigridh air an earalachadh agus air an uidheamachadh air son cath na beatha a dh’ fheumas sinn uile ’chur. Mu’n do sgaoil iad bha òran-molaidh, salm no laoidh Ghàidhlig—air a sheinn leis a’ chloinn, a bha air a ghiùlan air oiteig an fheasgair mar iobairt-chùbhraidh, taitneach do Dhia ’s do dhaoine. Mar bhàrd bha ar caraid ann am mòr mheas. Cha do sgriobh e riamh rann nach eil fìor-ghlan, fallain ann an smaoin agus riarachail ann an aigne. A bharrachd air a so uile, tha a dhàin grinn òirdhearc ’n na cainnt, agus air leth Gaidhealach ’n na dreach. Chaidh na rannan a leanas a dhealbh leis a’ bhàrd oidhche dhorcha, shallach ’s e ’tighinn dachaidh bog, fliuch. Thog inntinn ’n uair a chunnaic e solus an uinneig a thaighe, ’s a chuimhnich e air an fhàilte chaoin a bha air thoiseach air ann am fàrdach a ghaoil, fo sgàil Dhùn-Bhallaire.— TAOBH MO THEINE FEIN. SEISD. ’S e taobh mo theine dhòmh-sa chlann, ’S e taobh mo theine féin; Gu ’m b’e sud àite blàth mo ghaoil, Aig taobh mo theine féin. ’N uair thig mi dhachaidh anns an oidhch’ ’S mi fann, ’us fliuch, ’us sgìth; An saoghal cosmhail ri bhi ’n gruaim Cho duaichnidh bidh gach ni— ’S a chi mi ’n solus tigh’nn gu ’m shùil, Troimh ’n uinneig dhuint’, mar reult’, Gu ’n tog mo chridhe suas le sunnt, ’Bhi dlùth do ’m theine féin. ’S ’n uair chi mi ’n lasair dheàrrsach dhearg, ’S gach àite sguabte grinn, ’Us fiamh a’ ghàir’ ’s gach aghaidh ghràidh ’S gach aon ’toirt fàilte bhinn— O, c’ àit’ bheil sonas cosmhail ris An saoghal so a’ bhròin? ’S cha tugainn taobh mo theine féin Air mìle bonn de ’n òr. ’N uair gheibh mi comunn caomh mo rùin ’S iad dlùth dhomh air gach taobh, Gach aon ’toirt bàrr ’an tlus ’s am bàigh, ’S bann gràidh ’na cheangal caoin; Mo bhean ’s i cur gach ni ’na àit’, ’S mo phàisdean air mo ghlùn— Cha suaipinn taobh mo theine féin Air sonas rìgh ’na ’chùirt! Chaill am bàrd giullan seanagarra, a bha glic os cionn a bhliadhnachan—cha robh e ach ochd bliadhna dh’ aois ’n uair a chaidh a ghearradh ás— “Liobhair a mhàthair, ’s deur ’na sùil A fiùran lurach, òg, An dùil ri ’fhaicinn fhathasd slàn ’An Aros Rìgh na Glòir. An Buanaiche cha robh fo ghruaim Ged ’bhuain e ’m blàthan sèamh; ’S e aingeal glòrmhor ’thàinig ’nuas, ’S ’thug leis e ’suas do nèamh.” Sgriobh ministear Eaglais Shaoir Aird-Chatain leabhran beag taitneach mu ’n bhalachan chaomh so, agus rinn am bàrd cumha dha a tha dol mar so:— A Chailein, a Chailein, A Chailein a rùin, Gur cràiteach mo chridhe ’S na deòir ann am shùil; Tha m’ inntinn fo mhulad Is m’ aigne gun sunnd Bho ’n dh’fhàg mi mo Chailean ’S a’ chaibeal fo’n ùir. (Air a leantuinn air taobh 382.) [TD 380] [Vol. 5. No. 49. p. 4] [Dealbh] CAISTEAL BHALMORAL. Anns am bheil a’ Bhan-Righ agus an Teaghlach Rioghail a’ cur Seachad Aireamh Mhiosan gach Bliadhna. (Air a leantuinn o thaobh 377.) fagus a chum làmh na Bàn-righ a phògadh. Thuslich e aig bonn na cathrach. Air ball dh’ éirich i dhe ’n Chathair-rioghail ’s shìn i lamh dha ga chuideachadh suas. Bu ni beag sud ann fhéin, ach leig e ris caoimhneas a cridhe, agus thaitinn e ro mhaith ris a mhor shluagh a bha lathair agus a bha ’nan sùil-fhianuisean air an ni. ’Nuair thill na saighdearan, a chaidh a leòn ’s a Chrimea ri linn cogadh Russia, air ais, chaidh i do’n tigh-eiridinn ga’m faicinn. Bha gach earrann de’n tigh-eiridinn cairteal a mhile dh’ fhad. ’Nuair chaidh i tre ’n cheud earrainn thuirt na h-uaislean a bha làthair gu’n robh sud gu leòr dhi a choiseachd. “O,” ars ise, “chi mi uile iad; bidh na gillean bochda duilich mur teid mi g’am faicinn ’s fhios aca gu bheil mi’ stigh.” Thug i le làimh fhéin bonn-cuimhne (medal) do gach saighdear us oifigeach a nochd a ghaisge an Alma, am Balaclabha, agus an Incerman. “Mo ghillean gaolach,” ars ise, “tha mo chridhe cho blàth dhaibh ’s ged b’e mo mhic fhéin iad.” Cha d’thugadh iad na buinn-chuimhne seachad air son an ainmean a ghearradh orra, air eagal ’s nach faigheadh iad air ais na ceart-fheadhainn a shin a Bhan-righ dhaibh. ’Nuair tha i ’sa Ghàeltachd tha i gu tric a tadhal air bantraichean ’s muinntir bhochd nan tighean beaga fhéin, gu bhi còmhradh riu agus a thoirt tiodhlacan feumail dhaibh. Tha gniomharan mar so a cosnadh gradh an t-sluaigh do ’m Ban-righ. Choinnich roinn phailt de thrioblaidean na beatha so ri ar Ban-righ urramaich. Cha’n e mhàin gu’n do chaill i aon ’an deigh aoin de a h-àrd-chomhairlichean, ni a bha na mhor mhulad dhi, ach thàinig mar an ceudna, brisdidhean na teaghlach fhéin. Chaill i dithis de cloinn, ban phrionns’ Alice an 1878 agus Prionus Leopold an 1884. Ach thar gach buill’ eile ’se bàs a companaich, Prionns Albert, bu dorra’ giulaìn. Bha iad pòsda beagan ’us bliadhn’ ar fhichead. Bha mor ghràdh aca do chach a chéile. “Feumaidh sinn,” ars ise ris a Phrionns’ aon latha, “trioblaidean fhulang, ach fhad ’s a bhios sinn cuideachd theid againn air an giulain.” Aig àm eile ’s am Prionns’ o n tigh, sgriobh i mar so gu aon de càirdean. “Tha fios agam gu feum càraid phòsda bhi aig amaibh dealaichte o chéile, ach air mo shon fhéin cha b’ urrainn domh gu bràth a bhi toilichte mar ’sud. Ach thainig an t-àm anns am b’ eigin dealachadh. Chaochail deadh Phrionnis’ Albert, mar theirte gu minig ris, anns a bhliadhna 1861, a’ fàgail bearna ’san teaghlach rioghail nach gabhadh càradh tuille. Tha a Bhan-righ ùine fhada na bantraich—dluth air sea bliadhna deug ar fhichead. Tha i nis a tighinn air adhart am bliadhnaichean, agus a reir cùrsa nàduir, dlùth air àm a siubhail. Ach cha robh àm de beatha, o’n chaidh an crun air a ceann, anns an robh an laoidh dhùthchasach “Dhia gle a Ban-righ” air a sheìnn leis am barrachd durachd cridhe na tha e ’n diugh, aig an Iubili Dhaoimein, air a sheinn le mor-shluagh Bhreatuinn anns gach ceàrn de’n t-saoghal. Agus an uair a thuiteas an crun talmhaidh bharr a cinn, ’s e ar ’n earbsa agus ar guidhe gu’m bi an ti a thog suas i gu bhi riaghladh, le maitheas agus le gliocas anns a ghinealach so, a buileachadh oirre “Crun gloire nach searg as.” C. C. Strath-Alba, E. P. I. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitcheil, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c, &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 381] [Vol. 5. No. 49. p. 5] [Dealbh] A Bhan-Righ ’sa bhliadhna 1840. [Dealbh] Prionns Albert ’sa bhliadhna 1840. Dhia, Gleidh an Crun. Dhia, gléidh an sluagh le d’ ghràs! An rioghachd ás gach càs! Dhia, gléidh an Crùn! Biodhmaid a ghnàth fo d’ làimh Le buaidh os ceann gach nàimh, ’Nad ghràdhsa faotainn sàimh! Dhia, gléidh an Crùn! A Thighearna, Dhia na glòir, Dean air gach diblidh fòir Is gléidh an Crùn! Cum suas Uictoria chaomh: Roinn ceartas air gach taobh: Dìon oighreachd bhochd do naomh! Dhia, gléidh an Crùn! Ar sùil tha Riutsa suas: Seall air ar cor le truas; Is gléidh an Crùn! Cuir cuibhreach uile mu sgaoil! Tog sinn á slochd an t-saogh’il! A steach do thìr a’ ghaoil! Dhia, gléidh an Crùn! An Iubili ann an Sidni. Ged nach eil ann an Sidni ach baile beag, an coimeas ri moran eile anns an Impireachd Bhreatunnach—cho beag ’s cho leth-oireach ’s gu bheil iomadh àite anns nach cualas riamh iomradh air—’se ar barail nach eil aon bhail’ eile dhe mheudachd fo riaghladh Victoria anns an deachaidh latha na h-Iubili a chumail na b’ fhearr. Bha àireamh mhor sluaigh ann—eadar seachd us ochd mile—air an cruinneachadh as gach cearna dhe’n eilean; bha an t-side gle bhriagha, agus chaidh gach ni air adhart gu rianail, òrdail. Bha brataichean agus dealbhan dhe gach seòrsa an crochadh a mach trath ’sa mhaduinn, a’ cur sealladh eireachdail air a bhaile. Aig ochd uairean loisgeadh urchair air fhichead leis a’ bhataraidh. Aig aon uair deug bha a’ phàirc ur air rudha nam barracks air a fosgladh agus air a h-ainmeachadh, mar bu chòir, air Ban-Righ Victoria fhéin. Bha a’ chlann as na sgoilean, dha no tri cheudan an aireamh, a lathair, a’ seinn, agus bha òraidean air an liubhairt le dithis no triuir de dhaoin’ inbheach a bhaile. Bhuineadh a chuid so de’n dol air adhart do’n bhaile, agus thainig e gu crich aig da-uair dheug nuair a thoisich na h-urchraichean a rithist. Loisg a bhataraidh urchair-air-fhichead mar a rinn iad ’sa mhaduinn, agus loisg an soitheach-cogaidh, am “Pelican,” tri fichead, urchair air son gach bliadhna a tha ’Bhan-righ air riaghladh. Aig leth-uair an deigh a dha, thoisich an “siubhal,” anns an robh mu thri mile duine, saighdearan, seoladairean, comuinn-stuamachd, agus comunn nan luchd-obrach. B’ e so an ni a b’ fhearr a bh’ ann fad an latha. Bha e ’na shealladh briagha buidheann cho mor fhaicinn a’ siubhal gu h-ordail, gach aon fo ’bhrataich ’s fo shuaicheantas fhéin, agus ochd bands a cumail ciuil riutha. Bha na sraidean bho cheann gu ceann dhe’n bhaile air an domhlachadh cho mor le sluagh ’s gu robh e, ann an aiteachan, gle dhoirbh do luchd an t-siubhail faotainn trompa. An deigh dhaibh cuairt a chur air a chuid a b’ fhearr dhe’n bhaile rainig iad a Phàirce beagan roimh cheithir uairean, agus an sin bha seinn, ceol, agus oraidean aca fad uair eile. Bha an t-seinn, mar anns a’ mhaduinn air a’ deanamh leis na sgoilearan, agus bha e anabarrach taitneach a bhi ’gan éisdeachd. Bha na h-oraidean agus an ceol gle mhath mar an ceudna. Thainig crioch air a so le urchair air fhichead a bhi air a losgadh, agus an deigh sin bha réis bhàtaichean a tarruinn aire ’n t-sluaigh gu beul na h-oidhche. An sin bha tuilleadh ciuil aca gus an robh an oidhche dorcha. Aig naodh uairean bha taighean agus buithean a’ bhaile air an soillseachadh gu h-eireachdail, agus eadar sin us deich uairean thoisich an obair-theine; fhad ’sa mhair sin bha an acarsaid ’s an t-athar os a ceann air an cumail breac dearg us gorm us uaine ’s gach lath eile ghabhadh deanamh. Chuir so crioch air an obair, agus ’se ar barail nach robh aobhar aithreachais aig duine thainig do’n bhaile ’chur seachad an latha. Ged a bha sluagh cho lionmhor cruinn, cha robh sabaid no troimhe-cheile sam bith nam measg; bha a mohr-chuid dhiubh cho sitheil ’s cho stuama ’sa bhiodh iad a’ tigh’nn as an eaglais air latha na Sàbaid. Cha robh ach gle bheag de choltas an oil orra. Bu latha so air am bi cuimhne fad iomadh bliadhna ri teachd. Cha’n eil mor dhuil againn gu’n cluinn a’ Bhan-Righ mu na bha dol air adhart anns a chuil so de h-impireachd, ach ged a chluinneadh, cha leig muinntir Cheap Breatunn a leas nàire sam bith a bhi orra air son mar a chaidh latha na h-Iubili a choimhead anns a cheanna-bhaile. Ma rinn gach àit eile cho math a reir an comais sa rinn an t-aite so, rinn iad gle mhath. Tha sinn duilich gu bheil am MAC-TALLA cho fad air deireadh air an turus so. Nuair a thainig e mach mu dheireadh cha robh sinn cinnteach nach rachadh againn air a chur a mach mar a b’ àbhaist: an deigh sin bha sinn an duil gu rachadh againn air a chur a mach Di-sathairne s’a chaidh: ach mheall an da chuid oirnn. Bha na clo-bhualadairean cho gann ’s nach faighte na dheanadh an obair dhiubh air ghaol no air airgead. Tha sinn an dòchas gu’n gabh ar luchd-leughaidh ar leisgeul anns a chuis, oir cha robh comas againn air. Feuchaidh sinn ris a chall a dheanamh suas an deigh so mar a’s fhearr a dh’ fhaodas sinn. Tha sinn de’n bharail gu bheil sinn ann an tomhas mor, a’ deanamh suas air a shon anns an àireamh so fhéin leis na dealbhan a th’ ann, agus an eachdraidh thaitneach air beatha agus cliu na Bàn-Righ’nn a tha ar caraid Urramach, Calum Caimbeul, a toirt dhuinn. [TD 382] [Vol. 5. No. 49. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 379.) Tha t-’aogas gach latha Fa chomhair mo shùl ’S gu ’n saoil mi mar b’ àbhaist Gu ’bheil thu dhomh dlùth, Le d’ aghaidh mhìn bhòidheach, ’S do mheall-shùilean gorm’, ’S do bhilean a nis Nach dean mànran na toirm. Cha’n ’eil bràthair a nis Aig do pheathraichean gaoil, ’S tha t-athair ’s do mhàthair ’G ad ionndrainn o’n taobh, Ach dh’ iarr thu mu ’n d’ fhàg thu Nach robh sinn ri caoidh, Is sùil ’bhi ri dachaidh A mhaireas a chaoidh. ’Nuair a shiab thu na deòir ’O ar sùilean bha làn, ’S a phisg thu ar muinneal A’ d’ ghàirdeannan ban’, ’S a phòg the le aiteas Gach sean agus òg, Gu ’n d’ fheum sinn a ghealltainn Nach bith’mid ri bròn. “O athair, a mhàthair, A pheathraichean gràidh, Mo bheannachd a nis leibh Gu siorruidh ’s gu bràth, Is leanaibh an Caraid Thug mis’ ás gach càs, ’S gu ’n coinnich sinn far Nach tig sgaradh le bàs.” Cha robh thu ach òg Ann an saoghal a’ bhròin, Ochd bliadhn’ is seachd làithean A fhuair sin ort còir; Ach Esan thug dhuinn thu ’S a nis a thug uainn, Bheir neart gu bhi strìochte D’a thoil anns gach uair. A bharrachd air na h-òrain ’s na dàin a sgriobh am bard dh’ eadar-theangaich e laoidhean o’n Bheurla. Mar eisimpleir air ’obair anns an rathad so faodar an laoidh so a ghabhail. LONG AN T-SOISGEIL. Long an t-Soisgeil, ’s fhad i seòladh Dh’ ionnsuidh tir Chanàain shuas— Thigibh uile, sibhs’ tha deònach, Seòlaibh innt’ gu glòir bhith-bhuan. SEISD. “Glòir! O, Glòir ’us Allelùia!” Tha gach seòladair a’ seinn, “Chi sinn shuas le sùil a’ chreidimh ’N caladh glòir is miannach leinn.” Milltean thug i sàbhailt thairis, Fad o shaoghal so a’ bhròin; Milltean innte ’seòladh fathast, Fathast rùm do mhìltean còrr. Lìon a siùil a ghaoithean nèamhaidh; Greasaibh i air aghart luath, Feuch! gach seòladair lan éibhneas ’Luaidh air glòir nan nèamhan shuas. Giùlainibh an soitheach àillidh, Ghaoithean àluinn Shoisgeil Dhé, Giùlainibh gach aon tha dìleas Dh’ ionnsuidh rìoghachd Athar fòin. Tionndaidh ’n long a stigh gu caladh; Làmh ri d’ acair seas a nis; Gheibh thu fàilte bho ’n Ard-cheannard; Gheibh thu àit’ aig a làimh dheis. Bha gaol, seirc ’us caranntachd a ghnàth ri’ m faotainn ann an dachadh ghreadhnach a’ bhàird. Bha e féin, a chéile cheanalta, chaoimhneil agus a theaghlach fiùghail fo mhòr mheas aig na h-uile, agus ’n am beannachadh do ’n choimhhearsnachd. O chionn bliadhna no dhà bha e ri fhaicinn gu ’n robh an aois a luidhe air a Bhàrd, ged a bha e deanamh mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh e gu bhi “’githeadh na h-òige ’s e còmhdach na h-aois,” agus smaointich a chàirdean gu ’n robh an t-am air tighinn anns am bu choir dhoibh a meas air a Bhàrd a nochdadh ann an dòigh fhollaiseach. Chuir iad an comhairle ri cheile agus ’s e thainig as gu ’n do shocraidh iad, na ’m biodh e idir ’na ’n comus gu ’n togadh iad dachaidh ùr do ’n Bhàrd air an t-seann làraich. Chaidh aca air so a dheanamh agus cha ’n ’eil neach a chuir a ghualainn ris an obair, nach eil taingeil an diugh gu ’n robh e ’na ’n comus so a’ dheanamh mu ’n do ghairmeadh am Bàrd air falbh. Chaidh am Bàrd a thiodhlacadh ann an cladh Ach-nam-bà air Di-sathuirne so chaidh ann an làthair ceathairne na dùthcha a thàinig cruinn a nochdadh am mor speis dhàsan nach maireann. Tha fhios againn gur e dùrachd gach Gàidheal aig an tigh agus thairis a chual iomradh air a’ Bhàrd agus air ’obair gu ’m bi Esan a gheall a bhi na athair do na dìlleachdain, agus na chòmhnadh do ’n bhanntraich, a toirt dhaibhsan a tha caoidh, le cridhe goirt—“maise an àite luaithre, oladh aoibhneas an aite bròin, éididh mholaidh an aite spiorad airsneil.” Tha am bàrd a nis anns an dachaidh bhuan agus a bharrachd air dileab na bàrdachd a dh’ fhàg e aig a luchd-dùthcha, dh’ fhàg e ni is luachmhoire na sin, eiseimpleir an dheagh bheatha, oir nochd e na ghiùlan ’s na theagasg ciod e fior uaisle—oir mar thuirt am bàrd mòr Sasunnach nach maireann— “An déigh gach nì ’s e smuain mo chrìdh’ Nach uasal ach an ti tha math, ’S feàrr crìdh’ gun ghò na coron òir, Is creideamh beò na glòir nam flath.” Long Mhor nan Eilthireach. EARRANN II. Ann an deireadh na luinge, bha buidheann dhaoine a thuig mi bu luchd-dùthcha air an earradh; agus mhothaich mi’ o’n cainnt, gu’m b’ ann o aon do na h-eileanaibh tuathach a thàinig iad. Bha iad gu geur iomaguineach ag amharc a mach airson bàta beag a bha a’ teachd a stigh an rugha fo shiùil ’s fo ràimh. Co luath ’s a ghabh i steach do’n chala, ’s a rinn i airson na luinge, ghlaodh iad amach, “’Se féin a th’ ann,—piseach air a cheann.” Bha aon neach am measg nan daoine so a bha a réir coslais ni bu mheasala na càch. ’Nuair a dh’ aithnich e ’m bàta beag so, chaidh e far an robh ’n sgiobair, agus mhothaich mi ’n sin gu ’n do ghairmeadh orrasan a bha shuas anns na crannaibh, ’s a mach air na slataibh-siùil, teachd a nuas; agus gu’n deachaidh stad air an uidheamachadh a bha dol air aghaidh chum an long a chur fa sgaoil. Dhlùthaich am bàta, dh’ éirich seann duine àrd uasal dreachmhor a bha ’na deireadh, agus le ceum daingeann làidir ged a bha a cheann co geal ris a chanach, dhìrich e suas, gun chuideachadh sam bith, ri taobh na luinge. Chuir an sgiobair fàilt’ air le mòr urram. Dh’ amhairc e mu ’n cuairt da, agus gu grad mhothaich e ’bhuidheann ghaolach a bha ’n deireadh na luinge, agus ghaibh e g’an ionnsuidh. “Dia bhi maille ribh,” ars’ esan, ’nuair dh’ eirich gach aon diubh, le ’fhoineid ’na làimh, a chur failt’ air. Shuidh e ’nam measg; air an luirg a bha ’na làimh, leig e car tamuill taic a chinn; agus mhothaich mi gu ’n robh na deòir mhòra a’ sruthadh a nuas air an aon eudann bu taitniche leam fhaicinn a chunnaic mi riamh. Tharruing gach aon diubh mu’n cuairt da, agus shuidh cuid do’n chloinn aig a chosaibh. Bha ni-eigin ann an coslas an duine bheannaichte so nach feudadh gun daoine a thàladh ris: bha do mhaitheas agus do chaomhalachd mu’n cuairt da, ’s gu’m feudadh an neach bu lag-chridhiche misneach a bhi aige teachd ’na làthair; agus, anns an àm cheudna, bha do smachd àrd ’na shùil agus ’na bhathais, na bheireadh air an spiorad bu dalma meatachadh ’na fhianuis. “Thàinig sibhse, le’r cead,” ars’ iadsan “mar a gheall sibh; cha d’ rinn sibh dearmad riamh oirnn ann an là ar teinn. Tha sinn an nochd a’ dol a ghabhail a’ chuain fo’r ceann; ’s mun éirich a’ ghrian air na beanntaibh ud thall, bithidh sinne gu bràth as an sealladh. Is culaidh-thruais sinn an diugh, là ar dunaich!”—“Na cluinneam,” ars’ am ministeir, “a leithid so de chainnt. Bithibh misneachail; cha’n e so an t-àm dhuibh meatachadh; cuiribh ’ur n-earbsa ann an Dia: oir cha’n ann gun fhios dà-san a tha sibh a’ dol air an turus so. ’S ann ’na fhreasdal féin a tha gach ni teachd mu’n cuairt; ach ’s ann a tha sibhse, a’ labhairt mar gu’m biodh sibh a’ fàgail rìoghachd an Uile-chumhachdaich, agus a’ dol far nach ruigeadh a chaoimhneas athaireil oirbh. Mo thruaighe! an e so ’ur creidimh?”—“Tha sin fior,” thubhairt iad; “ach an fhairge, an cuan mòr farsuing!”—“An fhairge,” fhreagair e; “c’arson a chuireadh sin sibh fo dhìobhail misnich;—nach ’eil Dia ri fhaotainn sa’ chuan co math ’s air tìr-mòr? Fo stiùradh a ghliocais, fo dhìon a chumhachd, nach ’eil sibh co tèaruint’ air a’ chuan ’s a bha sibh riamh ann an gleann tìorail? Nach ’eil an Dia a chruthaich an cuan a’ dol a mach air a thonnaibh uaibhreach? cha’n éirich a h-aon diubh roimhibh gun fhios da; ’se féin a chaisgeas onfhadh na fairge; tha e mach air a’ chuan ann an carbad na gaoithe, co cinnteach ’s a tha e ann an neamh shuas. ‘O! sibhse air bheag creidimh, c’ar son a ta sibh fo eagal?” “Tha sinn a’ fàgail ar dùthcha,” fhreagar [TD 383] [Vol. 5. No. 49. p. 7] iad. “Thà gun teagamh,” ars’ esan, “tha sibh a’ fàgail an eilein san d’ fhuair sibh ’ur togail ’s ’ur n-àrach; gu cinnteach tha sibh a’ dol air imrich fhada; cha ruigear a leas a chlei h, gu bheil ioma cruadal a’ feitheamh oirbh: ach cha d’ thàinig so oirbh gun fhios diubh. A’ fàgail ’ur dùthcha, an dubhairt sibh; am bheil ceangal seasmhach aig m aon duine ri aon dùthaich seach dùthaich eile? Cha’n ’eil dùthaich bhunaiteach againn air thalamh; cha ’n ’eil sinn air fad ach ’nar n-eilthirich; cha ’n anns an t-saoghal chaochlaideach so a tha e air a cheadachadh dhuinn le Dia, an dachaidh sin iarraidh as nach bi imrich.” “Gun amharus,” fhreagair iad, “tha sin fior; ach tha sinn a’ falbh mar chaoraich bhochda gun bhuachaille, gun a h-aon ris an cuir sinn ar comhairle; ’s a’ dol fada, fad’ air falbh. O! nam biodh sibhse”—“Bithibh ’nur tosd,” deir esan; “na cluinneam a leithid so do cainnt. Am bheil sibh a’ dol ni’s faide o Dhia, na bha sibh riamh? nach e’n Dia ceudna dh’ fhosgail rosga do shùl an diugh ’s a dhùisg thu á suain na h-oidhche, a tha ’g oibreachadh taobh thall an t-saoghail? Cò sheas le Abraham ’nuair a dh’ fhàg e ’thìr ’s a dhaoine? Cò a thaisbein e féin do Iacob, ’nuair a dh’ fhàg e tigh ’athar, ’s a chaidil e muigh air an raon? Mo nàire! a dhaoine; c’ait am bheil ’ur creidimh? An dubhairt sibh gu’n robh sibh mar chaoraich bhochda gun bhuachaille? am bheil aon leanabh beag làimh rium an so, nach aithris na briathran sin, “Se Dia féin is buachaille dhomh, cha bhi mi ann an dìth?” nach esan àrd-bhuachaille a chuid caorach féin, a thubhairt, ‘Na biodh eagal ort, a threud bhig, bi fo dheagh mhisneach, oir ’s mise do Dhia.’ Cha ’n ’eil gu dearbh,” deir esan, “tighean aoraidh far am bheil sibh a’ dol; agus ìs dòcha nach ’eil luchd-teagaisg ann; ach cuimhnichibh là an Tighearna. Cruinnichibh fo sgàil na craige, no fo dhubhar nan craobh; agus togaibh le cheile laoidhean Shioin, a’ cuimhneachadh nach ’eil làthaireachd Dhé fuaidhte ri àite seach àite, gu bheil e ri fhaotainn anns gach àite leòsan a dh’ iarras e gu tréibhdhireach ann an ainm Chriosd, air mullach na beinne a’s àirde,—aig bonn a’ghlinne a’s ìsle, no ann an dubhar na coille a’s uaigniche, co math ’s ann am meadhon a’ bhaile-mhòir, no san teampull a’s dreachmhoire a thogadh riamh dha le làmhaibh. Tha gach aon agaibh comasach air focal Dé a leughadh; mur bitheadh bu tròm mo chridhe da rìreadh, ’s bu bhrònach an dealachadh. Tha fios agam gu bheil Biobuill ’nur cuideachdaibh: ach gabhaibh uamsa an diugh Bìobuill ùra, air an ùr chlò-bhualadh, ann an tomad beag, soirbh r’an giùlan: agus cha shuaraiche leibh iad gu bheil ’ur n-ainmean sgrìobhta orra leis an làimh sin a bhaist an earrann a’s mo dhibh, a thogadh iomad uair ann an asluchadh as ’ur leth gu nèamh; agus a thogar fathast ann an deagh dhòchas ann an ainm Chriosd air ’ur son, gus an tig marbhantachd a’ bhàis thairis oirre. Agus sibhse, mo leanaba beaga, am badan lurach do ’m chuid uan, a tha nis ’ga m’ fhàgail, thug mi d’ur n-ionnsuidhse cuimhneachan beag air mo mhòr-ghràdh dhuibh; Dia g’ur beannachadh.” “O!” ars’ iadsan, “cia taingeil a tha sinne gu’m faca sinn sibh aon uair eile, agus gu’n cuala sinn fathast ’ur guth.” Bha muinntir na luinge gu léir a’ tarruing ni bu dlùithe air an àite san robh e ’na sheasamh; ma b’ iad na seòladairean féin, ge nach do thuig cuid diubh a chainnt, thuig iad gu’m bu ghnothach anama a bha dol air aghaidh. Bha uiread do dhùrachd, do bhlàthas, do chaoimhneas ’na choslas agus ’na chainnt, ’s gu’n do sheas iad gu ciùin sàmhach; agus chunnaic mi iomadh aon diubh a’ cleith nan deur a bha tuiteam a nuas air na gruaidhibh as an d’ thug iomad latha garbh o chionn fada an leanabas. Thug an duine beannaichte a chòmdachcinn deth, agus sheas e suas; thuig gach aon na bha ’na beachd. Thuit cuid diubh air an glùinibh, is dh’-amhairc gach aon air an làr, ’nuair a thubhairt e, le guth glan fallain, “Iarramaid beannachd Dhé; deanamaid ùrnuigh.” O! bu chruaidh an cridhe nach leaghadh, agus cha chùis-fharmaid an spiorad sin nach gabhadh suim, fhad ’sa bha ’n ùrnuigh dhurachdach theas-chridheach ’ga cur suas leis an duine mhath so, a bha a nis e féin air àrdachadh os ceann an t-saoghail so. Is ioma dùile bhochd lag-chridheach a fhuair misneach; thuit a bhriathra mar dhrùchd an fheasgair, a’s fhuair na meanglain laga fhann fionnachd agus sòlas. Bu tròm acain an cléibh, ’nuair a bha iad air an glùinibh, ’s na h-osnaichean a dh’fheuch iad ri chumail fodha; ach ’nuair a dh’ éirich iad, air leam gu’n robh misneach ùr ri fhaicinn ’nan sùilibh troimh cheò nan deur goirt a bha iad a nis a’ tiormachadh air falbh. Dh’ fhosgail e leabhar nan Salm, is thogadh an t-aon naomh cheòl bu tùirseiche, bu deuchainniche air gach dòigh, gidheadh bu shòlasaiche, a chuala mi riamh. Ràinig an fhuaim thiamhaidh gach long agus gach soitheach sa’ chala. Cha robh ramh a mach nach robh air a phasgadh; cha chluinnte fead no farum; ach an aon sàmhchair bheannaichte, mar a sheinn iad an dara Salm thar an dà fhichead, aig a’ cheathramh rann: “Tha m’ anam air a dhòrtadh mach, Trà chuimhnicheam gach ni; Oir chaidh mi leis a’ chuideachd mhòir, Dol leò gu teampull Dé. “Seadh, chaidh mi leò le gàirdeachas, Is moladh fòs le cheil’; ’S ann leis a’ chuideachd sin a bha A’ coimhead làithe féill’. “O m’ anam! c’uim a leagadh thu, Be diobhail misnich sìos? Is c’uim am bheil thu’n taobh stigh dhiom Fo thrioblaid is fo sgìos? “Cuir do chas daingean ann an Dia, Oir fathast molam e; Airson na furtachd is na slàint’ Thig dhomh o ’eudan réidh;” —Leabhar nan Cnoc.— D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Gach seorsa bathair AIG McDonald Hanrahan & Co., SIDNI C. B. BATHAR MATH. PRISEAN ISEAL. [TD 384] [Vol. 5. No. 49. p. 8] NAIDHEACHDAN. Tha parlamaid Chanada na suidhe fhathast; cha’n eil moran a dol air adhart ach gu bheileas a sgioblachadh ghnothuichean air choinneamh sgaoileadh an tighe, ni a tha dùil a thachairt an ùine ghoirid. Chaidh dithis dhaoine, Curtis agus Umlah, a bhàthadh Di-luain s’a chaidh, a mach o’n chladach eadar Bridgeport us Glace Bay. Bha iad ag iasgach ghiomach ann an bàta fosgailte, agus chaidh e thairis orra. Bha fear Deòrsa E. Cann ann an Yarmouth, ag obair air spealladh mu choinneamh a thaighe fhéin aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, agus thuit e ann an laigse. Cha do labhair e tuilleadh, agus chaochail e an ceann latha no dha. Tha Mr. Laurier agus Mr. Davies an deigh trodal fhaotainn o’n Bhan-righ. Feumaidh sinn an deigh so an ainmeachadh mar Sir Wilfred Laurier, agus Sir Louis H. Davies. Tha Sir Domhnull Smith a nise na Mhorair Ghlinn-Comhain. Chaidh Milton Connoly, a bhatar a feuchainn air son mort ann an Kentville, a shaoradh leis a’ chùirt. Cha robh fianuis sam bith ’na aghaidh a dhearbhadh gu robh lamh aige anns a’ mhort. Tha e coltach, mar sin, gu bheil an duine ciontach gun a chur an greinn fhathast. Tha Righ Siam a nise ann an Breatuinn, far an d’ thàinig e air son a bhi làthair aig Iubili na Bàn-righ’nn. Air a thurus dhachaidh, thig e thairis air an Atlantic, agus theid a troimh na stàitean; á San Francisco seòlaidh i gu dhuthaich fhéin. Tha e mar sin a’ dol a chur cuairt air an t-saoghal. Bha latha na h-Iubili air a choimhead anns gach cearna de’n Impireachd Breatunnaich, ach bha greadhnachas sònruichte an cò-cheangaltris ann an Lunnainn. Bha a’ Ban-righ ann an deagh shlàinte, agus chaidh gach ni air adhart cho math ’sa dh’iarrte. Bha e ’na latha nach teid air diochuimhn’ fhad ’sa bhios a bheag de dh’ eachdraidh na dùthcha air chuimhne. A sheachdain gus an Di-luain s’a chaidh tha geall air a chun eadar méinn an Reserve agus meinn Chaledonia feuch co aca bu mhotha chuireadh a mach de ghual ann an aon latha. Ghleidh mèinn a Reserve, a cur a mach da mhile thunna anns na deich uairean—an tomhas guail bu mhotha chuireadh a mach à aon mhèin i ann an Nobha Scotia riamh an ùime cho goirid. Tha iadsan aig am bheil deagh chuimhne ag radh gu robh earrach agus samhradh na bliadhna 1872 a cheart cho fuar, fliuch, agus fad air ais ’sa tha ’n samhradh ’san t-earrach am bliadhna. Ach ged a bha, ’nuair a thàinig am blàths dh’ fhás gach ni cho luath ’s gu robh deagh fhiar us bàrr ann aig an àm àbhaistich. Ged nach eil an t-side ’m bliadhna mar bu mhath leinn i gu ruige so, cha’n eil fhios nach bi an talamh gle thorach, agus mar sin ’s fhearr dhuinn gun a bhi gearanach feitheamh gu foighidneach. ’S dàna do dhaoine bhi tallach. Tha Laurier agus a’ bhuidhean shaighdearan a chaidh a null còmhla ris a nise ann an Sasuinn, agus tha Riaghladh agus sluagh Bhreatuinn a deanamh am beatha gu h-uasal. Tha Breatuinn gach bliadhna a fàs na’s measaile air Canada, agus air an turus so, nuair a tha greadhnachas mor a dol air adhart mu Iubili na Ban-righ’nn, tha a luchd-ionaid a’ faotainn urraim nach eil air a bhuileachadh air luchd-ionaid aon de na colonies eile. Ni an càirdeas sin a thatar a nochdadh dhi an dùthaich so a thoirt ann an dlùth-dhàimh do’n dùthaich mhàthaireil na ’s motha na bha i riamh roimhe. Thachair ni muladach ann am Port Morien ’sa mhaduinn Di-màirt; chaidh mac do’n Urr. Mr. Grannd aois choig bliadhna ’s seachd miosan, a losgadh cho dona ’s gu’n do chaochail e an ceann cheithir uairean. Bha e cleasachd mu’n teine agus ghabh a chuid aodaich, agus air dha bhi leis fhéin cha d’ fhuaireadh ga chuideachadh an àm gus a bheatha shàbhaladh. Tha co-fhaireachdain aig gach aon a chuala ’n sgeul bhochd so ri Mr. Grannd agus ri chéile. Thatar ag ràdh nach eil cùisean anns a Ghearmailt ach gle mhi-dhòigheil. Tha an t-Impire na dhuin’ òg, ceannasach, a tha ’sa bharail gu’m bu chòir riaghladh na dùthcha a bhi gu h-iomlan na laimh fhéin, agus tha e ’sior chur feirge air an t-sluagh le bhi bacail dhaibh nithean a tha air an ceadachadh gu saor ann an dùthchannan eile. Cha’n eil pàrlamaid na Gearmailte cho cumhachdach ann an riaghladh ’sa tha pàrlamaid Bhreatuinn, ach ma leigear leis an Iompaire dhol air adhart ’sa chùrsa tha e cur roimhe, cha’n fhada bhios guth aic’ anns a chùis idir. Tha iad ann a tha ’g radh nach eil an t-àm fad as anns an dean an sluagh éirigh na aghaidh, agus anns am feuch iad ri ’n còir a bhuntainn uaithe le faobhar a chlaidheimh. ’Sa mhaduinn Di-mairt chuir a Bhan-Righ am fios so dh’ ionnsuidh Ard-Riaghladair Chanada:—“Bho m’ chridhe tha mi toirt taing do mo shluagh ionmhuinn: gu’m beannaicheadh Dia iad. VICTORIA R. & I. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St., Boston, Mass., NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha. CUIR A DH’ IARRAIDH A MHAC-TALLA $1.00 SA BHLIADHNA. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar uthcha tha ’nar beachd Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA.